GF009i04 CUMHA DO ÌOMHAIR MAC'ILLEATHAIN Beulaiche: Steafan Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon Bàrd: Seumas Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon Rinneadh an tuireadh a leanas leis an t-seinneadair Seumas MacFhionghain dha bhràthair-céile, a chaill a bheatha anns a—anns a' Lunastal nineteen forty-four. Ìomhair, ghaol, mo chiad mhac-sa Bu chian a [dhalta/dh'altan?] mi 'n tùs thu 'S cian a gheibh mi dhut facal À leanbais caidreabh na h-òige Cian a dh'fhàs thu gu ìre Lìonadh m' inntinn le dòchas Dòchas shuaimhneach an t-saoghail Gur tric a caochladh gu bròn e. Dh'fhàs thu neartmhór, grinn, àlainn Cridhe blàth nan deagh bheusan Bu tu rogha gach nàbaidh 'S bha 'n—'s bha 'n dùrachd àrd dhut gun tréigsinn [BREAK IN TAPE] Dh'fhàs thu neartmhór, grinn, àlainn Cridhe blàth nan deagh bheusan Bu tu rogha gach nàbaidh Bha an dùrachd àrd dhut gun tréigsinn Trom an diùbhail tighinn là' rinn Mar bhuin am bàs an tìr chéin riut Fo ghrian [no-leigte?] ri d' nàdar Air raointean cràidhteach, [bha leigheas/fath lèise?] Bu tu sàighdear gun ghealtach Ri luchd nan nài—ri luchd an nàimhdean nach géilleadh Bu tu Gàidheal gun—ah, bu tu sàighdear— [BREAK IN TAPE] Bu tu Gàidheal gun ghealtach Sàighdear gaisgeil nach géilleadh Ri aghaidh na nàmhaid Le d' gàirdeanan treuna. 'S truagh gun taic, thu gun furtachd Air làraich mhortail na h-eucoir Nuair dhlùthaich tonnan a' chatha Fo dhuibhre sgaiteach bha [leigheas ort?]. Bha thu caomh ris gach creutair Bha thu reusanta còmhnard Dh'imich gliocas is céill leat Gach taobh is ceum a' robh d' eòlas Bha do chomhairlean feumail Bha thu éibhin is spòrsail Dh'fhàg thu 'n dàchaidh seo léirte Caoidh gun d' thréig thu cho òg sinn. Ged bhios mise 'gad chaoineadh Gus an dùinear fon fhòid mi 'S tìm dhomh uairean bhith smaoinntinn Nach fhàgte rùisgte mi m' ònair Tha do mhàthair teann dlùth dhuinn Is a teaghlach rùnail mu'n chròilein 'S tha thusa luaidh anns na Flathas An tìr nam beannachd 's an t-sòlais.