Òran do Anna Ruaidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF008i03N ÒRAN DO ANNA RUAIDH
Beulaiche: Dòmhnall 'Illeasbuig Mac Aonghais ic Alasdair | Dan Allan Gillis
Bàrd: Dòmhnall Thormaid 'ic Ruairidh 'ic Mhìcheil | Donald Norman MacDonald
Bha pailt de ghròiseidean shuas cùl àite Dòmhnall 'ic Iain. 'S bhiodh Anna Ruadh 'gam buain a h-uile samhradh agus 'gan creic. Ach bliadhn' a bha sin, bha nighean a bràthar agus caraide dhi, fhuair iad air thòiseach air Anna, 's chaidh iad suas, bhuain 'ad na gròiseidean agus chreic 'ad 'ad. Cha robh—cha do chòrd sin ri Anna idir, agus rinn Dòmhnall Thormoid ceathramhan de dh'òran dhi.
'S a' mhadainn DiLuain gun ghluais mi bho'n bhaile
Gun d'fhalbh mi 'gam buain 's mo chuach fo m' aclais
Nuair ràna' mi shuas cha d'fhuair mi 'ad agam
Gum bódhrainn mac-talla le 'm bhoilich.
[Séist:] Ò hì o hà gur truagh mar thachair,
Ò hì o hà gur cruaidh mar thachair,
Hi rì o rà gur cruaidh mar thachair,
Gun d' dh'fhàg 'ad mi falamh gun ghròiseid.
'S gur h-iadsan bha stràiceil DiDòmhnaich 's a' chlachan
Is fiach mo chuid gròiseid gu spòrsail mu 'n amhaich
A' bruidhinn ['s a' barraich na beatagan?] mheallaich
O 's galar gun [?] an sgòrnan.