Back to recordings
Banais am Beinn nan Sgitheanach
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF008i01 BANAIS AM BEINN NAN SGITHEANACH
Beulaiche: Collie Angain Dhòmhnaill a' Chùbair | Collie MacIntosh
'S ò shaoilinn, shaoilinn, shaoilinn ó
Air m'fhacal mi gum faodadh sibh
Ged bheireadh càch nach saoileadh iad
Gun toilinn Màiri Ghranndach.
Banais a bha am Beinn nan Sgitheanach,
A Rìgh gu robh mixture ann;
Dòmhnullaich is Giollasaich,
MacFhilip na Chomander.
Chan fhaca mi a h-aon a dh’fhiathaich mi
Ach aon té bheag 's i a' fìdhlearachd
Cha do choltaich mi ri sian rithe
Ach mial a bhiodh air gamhnach.