Back to recordings

Gur tu mo nighean donn bhòidheach

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF007i05i1 GUR TU MO NIGHEAN DONN BHÒIDHEACH


Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams



[Séist:] A hiù o ra hiù o,
Gur tu mo nighean donn bhòidheach,
A hiù o ra hiù o.


Gur e gaol na rìbhinn,
A dh'fhàg m'inntinn fo bhrònan.


Nighean donn na h-ailbheagan,
Tha fàinnean airgead 's òr oirr'.


'S shiubhlainn leat a' saoghal seo,
A ghaoil, ma tha thu deònach.


'S shiubhlainn fada, fada leat,
Na b' fhaide na tha m' eòlas.


'S shiubhlainn leat an ear 's an iar,
Gun each, gun strian, gun ròpan.


'S shiubhlainn leat a dh'Ìle,
Ach mi fhìn a dh'fhaighinn coir ort.


Gum b'fheàrr leam fhìn do ghuth,
Na guthan nan smeòrach.


Cha toirinn dha'n a' ghreusaich' thu,
Ged dhèanadh e do bhrògan.


Cha toirinn dha'n an tàillear thu,
Ged chàradh e do chòta.


Cha toirinn dha'n a' ghobhainn thu,
Ged [soimhneach/soineach?] ri òrd e.




Johnny Williams
Crìochan Bràigh na h-Aibhneadh | Melford 59 recordings Faic pròifil | view profile