Tha mo rùn air a' ghille
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF007i03 THA MO RÙN AIR A' GHILLE
Beulaiche: Collie Angain Dhòmhnaill a' Chùbair | Collie MacIntosh
Bàrd: Ceit Mhunn | Catherine Munn
Séist: Tha mo rùn air a' ghille,
'S mór mo dhùil riut thu thilleadh;
'S mi gu siùbhladh leat am fireach,
Fo shileadh na' fuar-bheann.
Oidhche Shamhna 's mi 'm ònar,
'S gu math b' aithne dhèanainn òran;
Truagh, a Rìgh, 's nach mi bha pòsd',
Aig òigear a' chùil dualaich.
'S ged tha blàth na brice 'ad aodann,
'S cha do lughdaich siud mo ghaol ort;
Mi gun siubhladh leat a' saoghal,
Nan saoilinn do bhuanndachd.
Tha b' aithne dhomh do shloinneadh,
Tha Stiùbhart is Chlann Choinnich;
'S Dòmhnallaich a' bhroillich shoilleir,
Sheasadh ris a' chruadal.
Chuir thu falt mo chinn gu talamh,
Chuir thu mo dhà ghruaidh 's an aineal;
'S truagh nach mise bha 's an anart,
Mun tug mo luaidh dhut.
'S gu bheil mi smaointinn ort 's a' leapaidh,
Tha mi 'bruadail ort nam chadal;
Gu mi 'n dùil gu bheil thu agam,
'Cadal air mo chluasaig.
'S gu bheil tha blàth na' breac 'ad aodann,
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort;
'S mi gu siubhladh leat-s' a' saoghal,
Nan saoilinn do bhuanndachd.
'S bha thu laghach, is bha thu briathrach,
Chòrd thu ris na chunnaic riamh thu;
Bha thu math air a h-uile sìon,
'S gun dèanadh tu gnìomh bean-uasail.
Leathanach a' bhroillich glé-ghil,
Dhan d'thug mis' an ghaol gu léir mi;
'S gur e mise a bhith gu deureach,
Ma bheir té eile bhuam thu.
Nighneag a bha cho bàidheil,
A choinnich rium air tobht' a' bhàta;
Gur e mo chridh-sa a bha sàsaicht',
Ged bha 'n còta ruadh orm.
Reference sources:
The Gaelic Bards of 1825 to 1875, p. 43; Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 139; An Rubha, vol. 12 no. 1 (2010), p. 18