GF007i03 THA MO RÙN AIR A' GHILLE Beulaiche: Collie Angain Dhòmhnaill a' Chùbair | Collie MacIntosh Bàrd: Ceit Mhunn | Catherine Munn Séist: Tha mo rùn air a' ghille, 'S mór mo dhùil riut thu thilleadh; 'S mi gu siùbhladh leat am fireach, Fo shileadh na' fuar-bheann. Oidhche Shamhna 's mi 'm ònar, 'S gu math b' aithne dhèanainn òran; Truagh, a Rìgh, 's nach mi bha pòsd', Aig òigear a' chùil dualaich. 'S ged tha blàth na brice 'ad aodann, 'S cha do lughdaich siud mo ghaol ort; Mi gun siubhladh leat a' saoghal, Nan saoilinn do bhuanndachd. Tha b' aithne dhomh do shloinneadh, Tha Stiùbhart is Chlann Choinnich; 'S Dòmhnallaich a' bhroillich shoilleir, Sheasadh ris a' chruadal. Chuir thu falt mo chinn gu talamh, Chuir thu mo dhà ghruaidh 's an aineal; 'S truagh nach mise bha 's an anart, Mun tug mo luaidh dhut. 'S gu bheil mi smaointinn ort 's a' leapaidh, Tha mi 'bruadail ort nam chadal; Gu mi 'n dùil gu bheil thu agam, 'Cadal air mo chluasaig. 'S gu bheil tha blàth na' breac 'ad aodann, Cha do lughdaich siud mo ghaol ort; 'S mi gu siubhladh leat-s' a' saoghal, Nan saoilinn do bhuanndachd. 'S bha thu laghach, is bha thu briathrach, Chòrd thu ris na chunnaic riamh thu; Bha thu math air a h-uile sìon, 'S gun dèanadh tu gnìomh bean-uasail. Leathanach a' bhroillich glé-ghil, Dhan d'thug mis' an ghaol gu léir mi; 'S gur e mise a bhith gu deureach, Ma bheir té eile bhuam thu. Nighneag a bha cho bàidheil, A choinnich rium air tobht' a' bhàta; Gur e mo chridh-sa a bha sàsaicht', Ged bha 'n còta ruadh orm.