Òran Éibhinn mu Réiteach is Banais
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF002i01i1N ÒRAN ÉIBHINN MU RÉITEACH AGUS BANAIS
Beulaiche: Eachainn Alasdair Dhòmhnaill Eòghainn Duibh Dhòmhnaill Bhàin | Hector MacDonald
Air feasgar féille chaidh mi fhìn is Seumas
A-nunn air chéilidh dha'n bhail' ud thall.
A choimhead òighean 's gu robh 'ad dòigheil
'S cha b' e gòraiche bha 'nan ceann.
Ach suidhe còmh' rinn [an céill a' bhàird/aig ceann a' bhòrd againn?]
A' gabhail òrain bu bhoidhche bh' ann.
An comunn smeòrach 's a mhadainn cheòthail
Seinn do Dhòmhnall a bh' air a' chòmhnard ghrinn
Chuir sinn fàilte orra 'san deagh chànain
Rinn iad gàire mun ghabh 'ad [?]
Chaidh cathair laigheadh a chur an àite
Airson nan tadhladh ma bha sibh sgìth.
Shuidh mis' is Màiri 's an dòigh a b' àbhaist dhuinn
A' bruidhinn Gàidhlig mar b' fheàrr leinn fhìn
Chaidh Seumas Òg sìos dha'n chlosaid
Is rinn e [chòmhdach/còrdadh?] ri nighinn ghrinn.
Thuirt am màthair 's i suidhe làmh rinn
Nach bi sibh dàna 's na biodh nàire 'nur cinn.
Gheobh thusa Màiri, is gheobh Seumas Margaret
Is gheobh sibh gach [àrdach?] a bha gur dìth.
Nuair thig am bàta 's an athair sàbhailt'
Gun téid mo phàirt ris an deise dhuinn
Bheir treis 's a [mhadainn?] [?] sgàirlaid
Théid leam 'son [bannachadh?] gu h-àrd mo chinn.
Theann mise suas rithe le cridhe fhuadain
Ro mhadainn [chuagach?] [a-null 's a-nall/'s i fuar 'san àm?].
Cà' bheil mo chòta no mo dheise phòsaidh?
Na bi cho gòrach thu fhéin 's a' chlann
Cha b' urainn dhomh-sa mo nighean còrdadh
Gu faighinn dòigh agus [crodh/reòth?] air [buinn?]
Gun bhith cho cearbach an àm an [ghairm e?]
Gun sgillean airgiod air cùl an [dùirn/taighean?]
Thuirt Seumas Òg bho 'n a rinn sinn còrdadh
Gun fheàrr dhuinn pòsadh dar a thig an t-àm.
Chuir mise an éibheach, [théid?]e a-mach gu [fhéin/fheadhainn?] dhiubh
A thuirt cho [?] gum bi réiteach ann.
Mas math le' m' chàirdean a bhios [sibh?] [?]
Niall is Bàbag 's mo mhàthair ann.
Thig Dan 'ic Phàdraig 's na gillean àlainn
A tha 's a' barber a dh'ionnsaigh 'n danns.
[BREAK IN TAPE]
[?] móran far a robh mi eòlach
's bho 'n d' fhuair mi an còmhnard [a-null/an taobh?] 's a-nall…
[BREAK IN TAPE]
[Thuirt Seumas] Òg far an d' rinn sinn còrdadh
Gun fheàrr dhuinn pòsadh dar a ruig an t-àm.
[Chuir/fhuair? mise an éibheach, [chaidh/théid?] e a-mach gu [fhéin/fheadhainn?] dhiubh
A thuirt gu [réis?] gum bi chàirdean ann.
Mas math le' m chàirdean a bhios sibh [?]
Niall is [Bàbag?] 's mo mhàthair ann.
Thig Dan 'ic Pàdraig 's na gillean àlainn
A tha 's a' barber a dh'ionnsaigh 'n danns.
Dh' iarr mise gluasad [?] cuachan
A' ghaoth 'ga sguabadh a-nunn 's a-nall
Seumas òg 's e gun ghuth, gun chòmhradh
Ach ag iarraidh pòsadh 's an [t-àm??] a bhith ann
Cha d' thuirt mise móran bho'n a bha mi eòlach
Gus an d' fhuair mi an còmhnard a-null 's a-nall
Bidh bliadhna is ràith airson mo [laighe?]
Ma tha am [bàrd?] an àite cho teann.