GF002i01i1N ÒRAN ÉIBHINN MU RÉITEACH AGUS BANAIS Beulaiche: Eachainn Alasdair Dhòmhnaill Eòghainn Duibh Dhòmhnaill Bhàin | Hector MacDonald Air feasgar féille chaidh mi fhìn is Seumas A-nunn air chéilidh dha'n bhail' ud thall. A choimhead òighean 's gu robh 'ad dòigheil 'S cha b' e gòraiche bha 'nan ceann. Ach suidhe còmh' rinn [an céill a' bhàird/aig ceann a' bhòrd againn?] A' gabhail òrain bu bhoidhche bh' ann. An comunn smeòrach 's a mhadainn cheòthail Seinn do Dhòmhnall a bh' air a' chòmhnard ghrinn Chuir sinn fàilte orra 'san deagh chànain Rinn iad gàire mun ghabh 'ad [?] Chaidh cathair laigheadh a chur an àite Airson nan tadhladh ma bha sibh sgìth. Shuidh mis' is Màiri 's an dòigh a b' àbhaist dhuinn A' bruidhinn Gàidhlig mar b' fheàrr leinn fhìn Chaidh Seumas Òg sìos dha'n chlosaid Is rinn e [chòmhdach/còrdadh?] ri nighinn ghrinn. Thuirt am màthair 's i suidhe làmh rinn Nach bi sibh dàna 's na biodh nàire 'nur cinn. Gheobh thusa Màiri, is gheobh Seumas Margaret Is gheobh sibh gach [àrdach?] a bha gur dìth. Nuair thig am bàta 's an athair sàbhailt' Gun téid mo phàirt ris an deise dhuinn Bheir treis 's a [mhadainn?] [?] sgàirlaid Théid leam 'son [bannachadh?] gu h-àrd mo chinn. Theann mise suas rithe le cridhe fhuadain Ro mhadainn [chuagach?] [a-null 's a-nall/'s i fuar 'san àm?]. Cà' bheil mo chòta no mo dheise phòsaidh? Na bi cho gòrach thu fhéin 's a' chlann Cha b' urainn dhomh-sa mo nighean còrdadh Gu faighinn dòigh agus [crodh/reòth?] air [buinn?] Gun bhith cho cearbach an àm an [ghairm e?] Gun sgillean airgiod air cùl an [dùirn/taighean?] Thuirt Seumas Òg bho 'n a rinn sinn còrdadh Gun fheàrr dhuinn pòsadh dar a thig an t-àm. Chuir mise an éibheach, [théid?]e a-mach gu [fhéin/fheadhainn?] dhiubh A thuirt cho [?] gum bi réiteach ann. Mas math le' m' chàirdean a bhios [sibh?] [?] Niall is Bàbag 's mo mhàthair ann. Thig Dan 'ic Phàdraig 's na gillean àlainn A tha 's a' barber a dh'ionnsaigh 'n danns. [BREAK IN TAPE] [?] móran far a robh mi eòlach 's bho 'n d' fhuair mi an còmhnard [a-null/an taobh?] 's a-nall… [BREAK IN TAPE] [Thuirt Seumas] Òg far an d' rinn sinn còrdadh Gun fheàrr dhuinn pòsadh dar a ruig an t-àm. [Chuir/fhuair? mise an éibheach, [chaidh/théid?] e a-mach gu [fhéin/fheadhainn?] dhiubh A thuirt gu [réis?] gum bi chàirdean ann. Mas math le' m chàirdean a bhios sibh [?] Niall is [Bàbag?] 's mo mhàthair ann. Thig Dan 'ic Pàdraig 's na gillean àlainn A tha 's a' barber a dh'ionnsaigh 'n danns. Dh' iarr mise gluasad [?] cuachan A' ghaoth 'ga sguabadh a-nunn 's a-nall Seumas òg 's e gun ghuth, gun chòmhradh Ach ag iarraidh pòsadh 's an [t-àm??] a bhith ann Cha d' thuirt mise móran bho'n a bha mi eòlach Gus an d' fhuair mi an còmhnard a-null 's a-nall Bidh bliadhna is ràith airson mo [laighe?] Ma tha am [bàrd?] an àite cho teann.