Òran do Ghille a Chaidh a Bhàthadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF002I01 ÒRAN DO GHILLE A CHAIDH A BHÀTHADH
Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis
[Séist:] Air failirinn ìllirinn oich irinn ù
[Air failirinn ìllirinn ù o ró hiù o
Air failirinn ìllirinn oich irinn ù]
Gura mis' tha fo mhulad,
'Nam shuidhe air an tulaich
Chì mi bàta [bho/mhór?] [?]
Tighinn fo oidhche dhubh
'S beag a faicinn am bàta
Air an do dh'fhalbh mo thriùir bhràithrean
Luchd trom air a' chlàradh
'S tus', a' ghràidh, air a' stiùir
'S beag a faic mi do bhàta
Tighinn fo rubh' no àirigh
Luchd trom air a' chlàradh
'S tus', a' ghràidh, air a' stiùir
'S chì mi an calpannan [comach/coltach?]
'S nam mìog-shùilean donna,
'S mi na rachainn nad choinneimh
Cha bu choma leam thu.
'S leam is truagh do chùl chlannach
Bhith 'ga luadh anns an fheamainn,
Gun chiste, gun anart,
Ach [greannal?] is grunnd.
Is tha mo ghaol air an òigear
Fo [broilleach/bhratach?] chloinn Dhòmhnaill
Nam bitheamaid còmhla,
Cha bhiodh deòir air mo shùil
Fhir a dhìreas a' bhealach
'S a teàrnas na gleannan
Cha bhith Mac 'Ill Eathain fallain
Bho shealladh na shùil.
Fhir a dhìreas na bruachan
Le 'd ghunn' air do ghuallain,
Fhéile cruinn ann an cuaich ort
Tiugh dualach, trom, dlùth.
Tha mo ghaol air an òigear
Fo [bhroilleach/bhratach?] chloinn Dòmhnaill
Nam bitheamaid còmhla,
Cha bhiodh deòir air mo shùil
'S truagh a rìgh nach e a-nochd
An oidhch' a shuidheamaid socair;
Sinn gun òladh am botail
Ged a chosgadh e crùn.