GF002I01 ÒRAN DO GHILLE A CHAIDH A BHÀTHADH Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis [Séist:] Air failirinn ìllirinn oich irinn ù [Air failirinn ìllirinn ù o ró hiù o Air failirinn ìllirinn oich irinn ù] Gura mis' tha fo mhulad, 'Nam shuidhe air an tulaich Chì mi bàta [bho/mhór?] [?] Tighinn fo oidhche dhubh 'S beag a faicinn am bàta Air an do dh'fhalbh mo thriùir bhràithrean Luchd trom air a' chlàradh 'S tus', a' ghràidh, air a' stiùir 'S beag a faic mi do bhàta Tighinn fo rubh' no àirigh Luchd trom air a' chlàradh 'S tus', a' ghràidh, air a' stiùir 'S chì mi an calpannan [comach/coltach?] 'S nam mìog-shùilean donna, 'S mi na rachainn nad choinneimh Cha bu choma leam thu. 'S leam is truagh do chùl chlannach Bhith 'ga luadh anns an fheamainn, Gun chiste, gun anart, Ach [greannal?] is grunnd. Is tha mo ghaol air an òigear Fo [broilleach/bhratach?] chloinn Dhòmhnaill Nam bitheamaid còmhla, Cha bhiodh deòir air mo shùil Fhir a dhìreas a' bhealach 'S a teàrnas na gleannan Cha bhith Mac 'Ill Eathain fallain Bho shealladh na shùil. Fhir a dhìreas na bruachan Le 'd ghunn' air do ghuallain, Fhéile cruinn ann an cuaich ort Tiugh dualach, trom, dlùth. Tha mo ghaol air an òigear Fo [bhroilleach/bhratach?] chloinn Dòmhnaill Nam bitheamaid còmhla, Cha bhiodh deòir air mo shùil 'S truagh a rìgh nach e a-nochd An oidhch' a shuidheamaid socair; Sinn gun òladh am botail Ged a chosgadh e crùn.