Cuach 'Ic 'Ill Anndrainn
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF001I04 CUACH 'IC 'ILL ANNDRAINN
Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis
Bàrd: Raghnall mac Iain Mhic Eòghain Dòmhnullach | Ronald MacDonald
[Séist:] 'S mis' a ghabh an t-suaineach,
Á cuach Mhic'IlleAndrainn;
'S iomadh duine chuala,
'S gun d' fhuair 'ad aig mo cheann i.
A liughad briuthas uaignich,
Gun d' fhuair mi deoch is dram dheth;
Chan fhaca mi cho suairce,
Ri cuach Mhic'IlleAndrainn.
Oidhche dhomh air m' aineol,
'S mi 'coiseachd bonn na mòineadh;
Chunna mi duin' 's eallach air,
'S e 'teannachadh a ròpain.
Theann mi 'null gu farmach,
Gu faighinn [?] na chòmhdail;
Bha cudrom air a chùlaibh,
'S e 'giùlan Mhic-an-Tòisich.
Ghnog mi tòn a' bhuideal,
'S chuir mi cuireadh dh'ionns' an t-searbant';
Innsidh mi mo chuideachd,
Agus sloinnidh mi mo chàirdean.
'S e Mac na Pòite-Duibhe mi,
Nam shuidh' an taobh na galbhain;
'S e 'n t-eòrna buidh' a b' athair dhomh,
'S i 'n atharnach mo sheanmhair.
Tha m' aodach air a shalachadh,
Agus m' aodach air a shroiceadh;
Mo ghlùinean làn do ghearraichean,
Le carrachd Mhic-an-Tòisich.
Cha deanainn ach [shlapadan?],
'S mo chaiseart air a sroiceadh;
'S gann a dheanainn aithneachadh,
Na 'n t-aineolas a sheòladh.
'S mis' a ghabh an t-eagal,
'S cha bu bheag na ghabh mi a dh'iongnadh;
[mo lamhan?] [donn/a bh' ann?] a' feadarsaich,
'S shaoil leam gu robh triùir ann.
Saoil sibh fhéin nach b' eagal,
Gum [?] mo [shùilean?]
Gun do shaoil leam, cò a chunna mi,
Cuchullainn na MacCrùisgainn.
[BREAK IN TAPE]
'S a dhuine, 's ann a shuidheas sinn,
'S tòisichidh sinn air seanchas;
Bheir mi fhìn mo ghealladh dhut,
'S mo [chorach?] dhut mu falbh thu.
Buailidh sinn air cuisleanan,
Gu furtachadh do 'n t-seann fhear;
'S gheobh thu làn na slige dheth,
'S cha mhisd' thu a's an anmoch.
Notes (fieldnotes):
Copy from recording made c. 1974.
Reference sources:
An t-Òranaiche, ed. Archibald Sinclair (2004), p. 528