GF001I04 CUACH 'IC 'ILL ANNDRAINN Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis Bàrd: Raghnall mac Iain Mhic Eòghain Dòmhnullach | Ronald MacDonald [Séist:] 'S mis' a ghabh an t-suaineach, Á cuach Mhic'IlleAndrainn; 'S iomadh duine chuala, 'S gun d' fhuair 'ad aig mo cheann i. A liughad briuthas uaignich, Gun d' fhuair mi deoch is dram dheth; Chan fhaca mi cho suairce, Ri cuach Mhic'IlleAndrainn. Oidhche dhomh air m' aineol, 'S mi 'coiseachd bonn na mòineadh; Chunna mi duin' 's eallach air, 'S e 'teannachadh a ròpain. Theann mi 'null gu farmach, Gu faighinn [?] na chòmhdail; Bha cudrom air a chùlaibh, 'S e 'giùlan Mhic-an-Tòisich. Ghnog mi tòn a' bhuideal, 'S chuir mi cuireadh dh'ionns' an t-searbant'; Innsidh mi mo chuideachd, Agus sloinnidh mi mo chàirdean. 'S e Mac na Pòite-Duibhe mi, Nam shuidh' an taobh na galbhain; 'S e 'n t-eòrna buidh' a b' athair dhomh, 'S i 'n atharnach mo sheanmhair. Tha m' aodach air a shalachadh, Agus m' aodach air a shroiceadh; Mo ghlùinean làn do ghearraichean, Le carrachd Mhic-an-Tòisich. Cha deanainn ach [shlapadan?], 'S mo chaiseart air a sroiceadh; 'S gann a dheanainn aithneachadh, Na 'n t-aineolas a sheòladh. 'S mis' a ghabh an t-eagal, 'S cha bu bheag na ghabh mi a dh'iongnadh; [mo lamhan?] [donn/a bh' ann?] a' feadarsaich, 'S shaoil leam gu robh triùir ann. Saoil sibh fhéin nach b' eagal, Gum [?] mo [shùilean?] Gun do shaoil leam, cò a chunna mi, Cuchullainn na MacCrùisgainn. [BREAK IN TAPE] 'S a dhuine, 's ann a shuidheas sinn, 'S tòisichidh sinn air seanchas; Bheir mi fhìn mo ghealladh dhut, 'S mo [chorach?] dhut mu falbh thu. Buailidh sinn air cuisleanan, Gu furtachadh do 'n t-seann fhear; 'S gheobh thu làn na slige dheth, 'S cha mhisd' thu a's an anmoch.