Back to recordings

O hi iù 's na hiù ro eile

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF001I03 O HI IÙ 'S NA HIÙ RO EILE


Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis



Nam biodh tu agam bhiodh tu suaimhneach,
Gheobheadh tu measg nam mnathan uasal;
Is gùn dhen t-shìoda sìos mu d' ghuailean,
Is brògan rìomhach cho [?].


Séist: O hi iù 's na hiù ro eile,
O hi iù 's na hiù ro eile,
O hi iù 's na hiù ro eile,
A' chruinneag dhonn, gura [trom] 'ad dhéidh mi.


Chunnaic mise seachad suas thu,
Feasgar shamhradh air àirigh buaile;
A h-uile té is a' fear fhéin ri gualainn,
'S mo leannan donn 's i air bàrr nan stuaidhean.


Càit' a facas riamh am Muile,
Cruinneag bhòidheach nam fiùran gheala;
Cha téid mise a' cheist nan gruagach,
'S mi air bhàrr nan gleanntan uaine.


'S truagh nach mise 'an t-eunlaith aotrom,
Ris an can iad liath do dh'fhaoileag;
Thig a-mach is a-staigh an caolas,
Bheir soraidh bhuam-as gu m' leannan ghaolach.


Nam biodh tu agam bhiodh tu suaimhneach,
Gheobheadh tu measg nam mnathan uasal;
'S gùn dhen t-sìoda sìos mu d’ ghuailean,
Is brògan rìomhach cho [?].


An oidhche bha sinn air a' mhonadh,
'S e bu sgàile dhuinn bàrr na raineach;
Bàrr na fhraoch 's i na caoran geala,
'S na neòil an iar ’s iad a' sìoladh fairis.


'S truagh nach mise bha 'n riochd na faoileag,
Snàmhadh aotrom a-null far sàile;
Bheirinn sgrìob dha'n eilean ìseal,
Far bheil an nighneag dh’fhàg m’ inntinn brònach.




Notes (fieldnotes):
Copy from recording made c. 1974.

Reference sources:
An t-Òranaiche, ed. Archibald Sinclair (2004), p. 27

Alec R. Gillis
Na Pònaichean | St. Rose 6 recordings Faic pròifil | view profile