GF001I03 O HI IÙ 'S NA HIÙ RO EILE Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis Nam biodh tu agam bhiodh tu suaimhneach, Gheobheadh tu measg nam mnathan uasal; Is gùn dhen t-shìoda sìos mu d' ghuailean, Is brògan rìomhach cho [?]. Séist: O hi iù 's na hiù ro eile, O hi iù 's na hiù ro eile, O hi iù 's na hiù ro eile, A' chruinneag dhonn, gura [trom] 'ad dhéidh mi. Chunnaic mise seachad suas thu, Feasgar shamhradh air àirigh buaile; A h-uile té is a' fear fhéin ri gualainn, 'S mo leannan donn 's i air bàrr nan stuaidhean. Càit' a facas riamh am Muile, Cruinneag bhòidheach nam fiùran gheala; Cha téid mise a' cheist nan gruagach, 'S mi air bhàrr nan gleanntan uaine. 'S truagh nach mise 'an t-eunlaith aotrom, Ris an can iad liath do dh'fhaoileag; Thig a-mach is a-staigh an caolas, Bheir soraidh bhuam-as gu m' leannan ghaolach. Nam biodh tu agam bhiodh tu suaimhneach, Gheobheadh tu measg nam mnathan uasal; 'S gùn dhen t-sìoda sìos mu d’ ghuailean, Is brògan rìomhach cho [?]. An oidhche bha sinn air a' mhonadh, 'S e bu sgàile dhuinn bàrr na raineach; Bàrr na fhraoch 's i na caoran geala, 'S na neòil an iar ’s iad a' sìoladh fairis. 'S truagh nach mise bha 'n riochd na faoileag, Snàmhadh aotrom a-null far sàile; Bheirinn sgrìob dha'n eilean ìseal, Far bheil an nighneag dh’fhàg m’ inntinn brònach.