Roderick (Joseph) O’Henley, Ruaraidh Alasdair Ruaidh, Gearradh na Mònadh, Uibhist a Deas 1933-2015
Rugadh Ruaraidh O’Henley ann an 1933 agus chaidh a thogail ann an Gearradh na Mònadh aig ceann a deas Uibhist a Deas. Chuir e seachad na bliadhnaichean a b’ fheàrr dheth bheatha obrach ( 27 bliadhna) aig factaraidh na feamainn anns an Leth Mheadhanach far an robh e na cheannard-obrach. Ach b’e cruiteir a bh’ ann os cionn gach nì eile a bha air a bhogadh ann an cultar, beul-aithris is eachdraidh na sgìre agus nan Gàidheal. Bha briathrachas farsaing Gàidhlig aige agus cuimhne shònraichte a bha a ciallachadh gun robh fèill mhòr air daonnan airson fiosrachadh mu dheidhinn sloinnidhean, ainmean àite, òrain is eile. Fiù’s anns na làithean mu dheireadh aige bha e ag ionnsachadh seann ùrnaighean Gàidhlig dha na sagairt a bha ga fhrithealadh. Sàr Ghàidheal agus fear dhen ghinealach mu dheireadh aig an robh dualchas na Gàidhlig air a theangaidh.