[C 1] Laithean Ceisde ann an Leodhas Mu’n a’ Bhliadhna 1880 Price - - - 4/3 [C 2] [Blank] [TD 1] Laithean Ceisde ann an Leodhas Mu’n a’Bhliadhna 1880 Published by Donald M. Campbell and printed by Stornoway Gazette Ltd., 10 Francis Street, Stornoway, Isle of Lewis. [TD 2] [Blank] [TD 3] [Dealbh] Rev. DUNCAN MACBEATH, a good man and a faithful pastor, who for thirteen years watched for souls in the parish of Ness, and entered into rest, 20th October, 1891, aged 70 years “And they that be wise shall shine as the brightness of the firmament; and they that turn many to righteousness as the stars for ever and ever.” — Daniel 12, v. 3. [TD 4] “Dheth na h-uile ’h àite an robh mi riamh, (ars’ Mr Iain MacRath, Urramach, a bha ann an Sgire Charlobhaigh, aig criochnachadh na seirbhis, an déigh an Luchd-labhairt, air Là Ceist) cha robh mi an àite as lugha mearachdan na Leùdhas, agus ’se an t-aobhar air son sin gu bheil an Luchd-labhairt a cumail cho dlù ri Focal Dé; agus gu bheil an Spiorad Naomh ga n cabhair.” “Sometimes a very mean, unlettered Christian may speak more profitably and comfortably, even to a knowing, learned man, than multidudes of his own best thoughts can do, especially in a time of weakness and darkness.” — Archibishop Leighton on 1 Peter, vol. ii page 367. [TD 5] AN CLARR-INNSE CAIB PAGE Roimh-ràdh, 7 I. Là na Ceist ’an Sgìre Stéornabhaigh 11 II. Là na Ceist ’an Sgìre Charlobhaigh 17 III. Là na Ceist ’an Sgìre Chrois 23 IV. Là na Ceist ’an Sgìre Bharbhais 29 V. Là na Ceist ’an Sgìre Bhac 34 VI. Là na Ceist ’an Sgìre Uig 39 VII. Là na Ceist ’an Sgìre Luirg 44 [TD 6] [Blank] [TD 7] ROIMH-RADH A LEUGHADAIR IONMHUINN, — Bha smuaintean àraidh ’n m inntinn mu ’n oidhirp a leanas o cheann àireamh bhliadhnachan, air chor is gu ’n do rùnaich mi an leabhran so ulluchadh, le sùil, tre bheannachd an Tighearna, gu ’m biodh e ’na mheadhon oideachaidh do chàirdibh air feadh na Gaidhealtachd. Bha mi fo eagal gu ’m fuilingeadh an oidhirp dochann le laimhseachadh mi-sheòlta: ach mheas teachdairean urramach le Criosd, gu ’n robh an ni iomchuidh, agus ro-fheumail. Bha mar an ceudna mòran de chàirdean ro dhéidheil gu ’m faiceadh iad “Briathran” nan seanairean diadhaidh, a bhiodh a’ labhairt air “Là na Ceist”, air an cur ’an clò; “Mar a chuala sinn, etc., agus a dh’innis na h-aithriche dhuinn,” etc. Tha na daoin’ urramach a bhiodh a’ labhairt air “làithibh na Ceist”, anns a Ghaidhealtachd (mòran dhiubh Maighstirean-Sgoile Gàilig), air an toirt dhachaidh gu’ sonas; mar a bha Coinneach Ross, Aonghas MacIomhair, Tarmad MacGillinnean, Aonghas MacGilleathain, agus mòran eile a thog an Tighearn suas, agus a bha dealrachadh mar lòchrain sholuis ’an iomadh àit’ de ’n dùthaich; daoine mar “Apelles” a bha “dearbhta ann an Criosd.” Romh. 16, 10. Mar “Rufus” a bha “taghta san Tighearn,” rann 13; “Na h-aithriche c’ àit a bheil iad?” “Tha luchd-faire Ephraim maille ri’n Dia.” “An déigh dhoibh an ginealach féin a riarachadh a réir toile Dhé; Fhuair iad fois o ’n saothair, agus leanaidh an oibre iad.” Anns a’ bhliadhna 1824, thachair Ath-bheòthachadh ann an sgìr’ Uig ’an Leòdhas, fo mhinistrealachd Mhr. ’ic Leòid. B’e an ceud chomharadh a bha air a thoirt fainear: bha àireamh an Luchd-Comunaich gu grad air an lughachadh, air dhoibh fantuinn air an ais [TD 8] o Bhòrd an Tighearna. Bha na mìlltean a’ teachd a dh’ éisdeachd an Fhocail as gach cearna, agus spiorad na h-urnuigh air a dhòirteadh orr’ o ’n àird’. Bha Focal an Tighearna luachmhor anns na làithibh sin I, Samuel 3, 1. Ann an àitibh san robh Suipeir an Tighearn air a frithealadh ’an Leòdhas, bha cuid ag iarraidh air an luchd-riaghlaidh aig co-dhùnadh na seirbheis, gu ’n cuireadh iad còig làithean eile ris an t-Ordugh. 2 Eachd. 30, 23. Oir chunnaic iad triall an Tighearna san ionad naomh! Salm. 68, 24. Feudaidh gu ’n cuimhnich an leughadair, “Na làithibh o chian,” nuair a chaidh e leis a “mhorchuideachd a bha cumail laithean féille.” Ged nach ’eil càirdean san taobh ’Deas a’ cumail Dì-haoine, mar là ceasnachaidh, agus rannsachaidh roimh Shuipeìr an Tighearn: gidheadh dh’ aidich teachdairean, agus sluagh an Tighearn anns a Ghaidhealtachd, gu ’n robh iad gu mòr air am misneachadh, agus air an oideachadh, le bhi cluinntinn nan “Daoin’” ud air là na Ceist, a cur an céill na rinn an “Tighearn’ air son an anama;” agus, gu dìleas, a’ cur “dealachaidh eadar an luachmhor o an ni nach fiù.” Jer. 15,19. Feudaidh gu ’m be cuid de ar luchd-leughaidh iomaguineach, do bhrìgh nach do mhothaich iad an oillt-chrith, agus an t-uamann aig an iompachuidh, air an urrainn cuid eile labhairt. Tha e iomchuidh eisimpleirean, gu h-àraidh o ’n sgriobtuir, a thoirt air so, fa chomhair an leughadair. Cha ’n ’eil sinn a leughadh gu ’n robh oillt no uamhas air Mata ’nuair a dh’fhàg e bòrd na cìse, agus a lean e Criosd. Mata 9, 9. Mar an ceudna “ghabh Sacheus ris an Tighearna gu subhach.” Tha an Tighearn’ a’ buadhachadh air cuid, le tàirneanaich beinne Shinai: agus a’ toirt a stigh cuid eile le guth caol, ciùin an t-soisgeil, agus mar as trice, ars’ diadhair mor (Brooks) ’s ’iad so Criosdaidhean a ’s iriosal, agus a ’s toraiche. Sibh-se (so Brooks) a tha air ur toirt gu Criosd leis an Lagh, na tugaibh breith, agus na dìtibh iad-san a tha air an toirt gu Criosd leis an t-Soisgeul: agus sibh-se ’tha air ’ur toirt gu Criosd leis an t-Soisgeul, na deanaibh tarcuis orra-san a tha air an toirt gu Criosd leis an Lagh. Tha mòran a thòisich an Tighearn’ obair gràis annt’ nuair a bha iad og. O Dhé theagaisg thu mi o m’ òige. Salm. 71, 17. Theagaisg thu mi, ars’ Arthur [TD 9] Jackson (air an àite so) gu faireachdail, eadhon, o m’ òige, le iomadh saors’ iongantach. Tha e air innseadh ann am beath Dr. Gill (a sgriobh obair mhòr air na Sgriobtuiribh) gun robh searmoin le Mr Wallis, air Gen. 3, 9. “Adhamh c’ àit am bheil thu,” na mheadhon air iompachadh nuair a bha e dà bhliadhna dheug a dh’ aois. Bha aobhar a chreidsinn gu robh Albert Bengel (Fear-mìeachaidh Gearmailteach) air fhiosrachadh le gràs an Tighearn’, eadhon o bhroinn a mhàthar: “O bha e na leanabh gu m’ aithne dha na Sgriobtuirean Naomh.” Chan ’n ’eil an t-àm anns an robh iad an iompachadh cho soilleir do chuid de ’n mhuinntir so, ’s tha e do chuid air an do rinn an Tighearn’ obair ghoirid, an déigh dhoibh a bhi iomadh bliadhn’ ann an seirbhis a’ pheachaidh. Tha sochair mhòr aca-san as urrainn cunntas àraidh a thoirt mu ’n àm, an t-áit, agus am meadhon leis an robh iad air an dùsgadh; a tha mar chlachan cuimhneachain dhoibh, mar a bha aig Iacob; “Far an do ghuil e, agus a rinn e guidhe ris, fhuair e ann am Betel e, agus ’an sin labhair e ris”. Hosea 12, 4. Tha Agnes Beaumont (an déigh sin Mrs Story) ag innseadh a déigh da h-athair an dorus a dhùnadh oirr’, air son i dhol a dh’ éisdeachd Iain Buinein, chaidh an smuain troimh a h-inntinn: “O ma bhìos e mar so dhomh air an là mu dheireadh! an dorus air a dhùnadh, agus Criosd ag ràdh rium. ‘Imichibh uam cha ’n aithne dhomh sibh’.” Mata 25, 10, 11, 12. “Ach cha dì-chuimhnich mi gu bràth (ars’ ise) an co-chomunn a bha aig m’ anam ri Criosd, fad na h-oidhch’ ud anns an t-sabhal. Bha a leithid de shealladh agam air an t-Slànuighear, ’sa bhris mo chridhe: bha mi (mar sgriobhta leatha féin) a’ gul, agus ag éigheach le aoibhneas fo mhothachadh air gràdh Chriosd do ’m anam,” etc. Tha cuid eil’, agus ged a b’ urrainn iad iomradh a dheanamh air déiligidhean an Tighearna riù ’nan ceud iompachadh, gidheadh cha cheadaich iad dhoibh féin a nis, a thaobh cumhachd truaillidheachd agus eas-creidimh, no laigse an cuimhne, an fhìrinn innseadh agus aideachadh a dheanamh anns a chùis so. Ach dh’fhairich iad an nì so ni ’s fearr na ’s urrainn dhoibh a chuir an céill. Feudaidh cuid a fhuair dearbh- [TD 10] bheachd làidir gu ’n do ghabh iad ri Criosd, (ars’ aon) nach bi a ghnàth anns a bheachd sin. Thubhairt Daibhidh aig aon àm: “Is tusa mo Chuibhrionn a Tighearna, thubhairt mi gu ’n coimhidinn t-fhocal.” Salm. 199, 57. Aig àm eile tha e ag ràdh; “Thubhaìrt mise a ’m dheifir, Ghearradh as mi o fhianuis do shuil.” Salm. 31, 22. Ach tha e ag ràdh an co-dhùnadh na salm so. “Bithibhse misneachail, agus neartaichidh easan bhur cridhe sibhse uile a chuir bhur dòchas anns an Tighearn.” S. B. Dail o Dheas, Leòdhas. Mìos a’ Mhàirt, 1881. [TD 11] CAIB. I. (Là na ceist, aig àm Comunnachaidh’ an Sgìre Steòrnabhaigh ceud mios an earraich, 1878.) AIR do’n seirbhis a bhi air a fosgladh anns an dòigh gnàthaichte, dh’ iarrradh air aon de na bràithrean cuibhrionn de’n fhìrin a thoirt a mach mar bhònn ceist. Tha na briathran’ sa chéud chaibdeil de litir nan Ephesianach, 19mh rànn. “Agus ciod e ro-mhéud a chumhachd do ar taobh-ne a ta’ creidsinn, a réir oibreachaidh a thréin neirt.” ’Se bha air iarraidh, comharan sgriobturail air a mhuinntir a dhuìn ri Criosd leis a chumhachd so; dealaichte o mhuinntir a tha g a mealladh féin le nithibh gun chumhachd Chriosd. An déigh beagan fhocal a bhi air an labhairt ann an rathad a bhi’ fosgladh na ceiste, bha J.M. air a ghàirm gu labhairt. J.M.* ’Se iadsan a chaidh a thoirt leis an Athair do n Mhac, a mhàin a dh’ionnsuidh an tig an cumhachd so. Tha mor urram ri thoirt do dh’ fhocal an Tighearna’ an so. Chuir an Tighearn an t-àm air leth anns an tigeadh e do n ionnsuidh leis a chumhachd so. Shaoil leo’ an toiseach gun robh cumhachd aca féin; ach mar chomhar orra, tha iad a nis’ an crochadh air cumhachd Dhé. Shaoil leo gun rachadh iad leis an tréibhdhireas a bha aca féin ’an làthair Dhé: ach mar chomhar orra, tha iad à faicinn tomad nan dleasdanasan nuair a tha an staid chàillt air a toirt dhachaidh orra. Gu bhi goirid; Oir cha n ann’ am mòran bhriathran a tha rìoghachd néimh. (’Se laigse mhòr ann an duine, nach sguir e gus an cuir e mach na tha aige ri ràdh.) Bithidh muinntir eile toilichte leo féin, ach a mhuinntir a tha an Tighearna’ teagasg, tha iad a mothachadh gu n cuir Dia do ifrinn iad ma dh’ fhanas iad anns an staid so, ach nuair a tha e’ faicinn Dia a tairgse Chriosd dha, tha an t-anam so air a chur ann an suidheachadh air chor as gu bheil Criosd na Shlànuighear * John Maclean, Catechist. [TD 12] freagarach dha. Feudaidh an Tighearn an cumhachd so a chur ann an aon de’ fhoclaibh, chum an dùsgadh, agus an ìompachadh: uile chumhachd na Diadhachd bhi air fhilleadh ann an aon fhocal; Cha chreid daoine sin gus an tig Dia fagus orra. Nuair a than an t-anam ann an staid réite ri Dia, ch’n eil e na ìongantas ge ’d bhiodh eagal ga’ chuairteachadh; Nuair a bha Maois, agus Dia air a bhéinn thubhairt Maois, tha eagal ro mhor, agus crith orm. Gu cinnteach is aobhar eagail Dia gu mòr ann an coimhthional nan naomh. Tha iad a nis mar cloinn a chreidsinn gur ann tre rìoghachd nan gràs a theid iad gu rioghachd na glòir; Tha iad aig iunnsachadh gu m feum iad a bhi air an saoradh uatha féin, agus o n pheacadh. Tha cuid aig am bheil aoibhneas, agus àmhghairean. Feudaidh mise mi féin a mhealladh leis an aon so na n t-aon ud eile dhiubh. ’Se Criosd air am bheil iad a cur féum. Bhiodh (ars’ Mr Lachlainn) an criosduidh naomh na m b uurrainn e. A.M. (Lochan)* Tha an cumhachd so a tòiseachadh nuair a tha Dia a labhairt riù, “Tha a ghuth air a chluinntinn, mar a labhair e ri Adhamh,” Adhaimh c’àit a bheil thu? Tha an anam lomnachd, fad às o Dhia, ach bha gràdh anns a’ ghuth so ga n tarruing. Tha cuid ag obair na’ neart féin a chum a m briseadh a chàradh a bha eadar iad féin agus Dia, ach tha Criosd air a chéusadh air fhoillseachadh dhoibh so. Thug Dia comas dhoibh dùnadh ris. Bha iad air an lionadh le nithibh Dhé agus mar a thubhairt an t-abstol; is urrainn mi na h-uile nithe a dheanamh tre Chriosd a neartaicheas mi. Shaoil léo an là ud gu n robh am peacadh air a sgrios. B’e sud là am posaidh, ach thàinig làithean duillich an déigh sin, ach cha ’n iarradh iad am posadh a bhi air a bhriseadh. Thàinig an diabhul, an saoghal, agus an fheoil: O mur b’e an cumhachd so a bhi ga n leantuinn; tha iad air an coimhead le cumhachd Dhé tre chreidimh. Cha n eagal leam (arsa Daibhidh) deich mìle sluagh ged chuairticheadh iad mi. D.M.† Bha iad so an toiseach na’n naimhdibh do bheatha Dhé. Ach bha iad ann an ceracall a chùmhnaint. Bha iad air an taghadh gu bhi na n cloinn uchd-mhacachd. Thàinig sinn a stigh do n t-saoghal fo chumhachd an dorchadais. Cha deanadh ni bu lugha na cumhachd na Diadhachd an staid a dhearbhadh oirn’, agus gu n robh sinn marbh ann an eu-ceartaibh, agus an am peacaibh ach nuair labhair Dia le cumhachd ghluais iad mar na cnàmhan tiorma a nochd an Tighearn do n fhàidh. Bha iad air an dèanamh’ na’ n luchd comhpàirt do nàdur na diadhachd, nàdur o shuas, air chor as gu * Alexander Maciver, Lochs. † Donald Maclean, Shader. [TD 13] bheil iad ag ràdh, le cheile, ar n Athair a ta air nèamh Bha an nàdur a fhuair iad ’san tuiteam a cogadh ’an aghaidh Dhé. Chuir Dia focal na fìrinn do n ionnsuidh le cumhachd, mar tha Daibhidh a g ràdh; “Bithidh do shluagh ro-thoileach ann an là do chumhachd.” Tha an t-ullachadh air fhoillseachadh dhoibh fa chomhair an staid chàillt anns an robh iad. Chunnaic iad e ’na dhréuchdean ro fhreagarach ri’n cor. Tha cuid eile cho slàn, socrach, mar a bha Moab, ach tha iad so air an tionndadh o shoitheach gu soitheach, o chor gu cor. Tha cuid agus dheanadh iad a chùis na m biodh iad air an saoradh o’n dìteadh a mhàin. Mar a bha Balaam; faigheamsa bàs an ìonracain, etc. Ach tha iad so ag iarruidh a bhi air an saoradh agus Dia air a ghlòrachadh. Bha gràdh Chriosd air a dhòirtadh ’na ’n cridhe. Tha gràdh aca do na h-uile nithibh tha air an ainmeachadh air an Tighearna. ’Se dùrachd an cridhe, agus an urnuigh ri Dia gu m biodh na peacaich air an tèarnadh. Mar as mò gheibh thu dheth so’ sann as mò dh’iarras tu. Comhar “Is sibh-se mo chàirdean-sa ma ni sibh gach ni a tha mi ag àithneadh dhuibh. A ris, Is beannaichte sibhse a tha bochd’ nu’r spiorad, oir is leibh rìoghdchd Dhé,” etc. D.M.* Moladh do Dhia air son na m briathran a th an so. Bha Pòl sona anns a’ chumhachd so. Cha baithne dha ni de so’nuair bha e fo chumhachd an dorchadais. O! “tha Thusa maith, agus nithear maitheas leat.” Tha na sgriobtuirean ag innseadh dhuinn mu n mhuinntir a tha air an saoradh, agus a’ mhuinntir a tha air am mealladh. Tha dà shearso gràidh ann, agus dà sheorsa creidimh, etc. Ach ’sann o Chriosd féin a tha gràsan an aitim so; mar tha Pòl ag ràdh; anns am bheil againn Saorsa, agus a ris, anns am bheil againn oighreachd, Oh ciod a dheanadh iad mur biodh cumhachd an Tighearn ni bu treise na cumhachd an nàmhaid! Tha iad toileach a bhi fo a chumhachd; comhar air a mhuinntir a chreid; tha iad a deanamh aoibhneis ann an Iehobhah an neart. Chaidh gràdh Dhé troimh Phòl gle mhòr, ghràdhaich e an Ti a rinn an obair, agus bha a ghradh a dol a mach a dh’ionnsuidh na muinntir anns an robh an obair so air a deanamh. Roimh ’iompachadh bha e ga n geur-leanmhuinn, ach an déigh sin bha e ga’n gràdhachadh; dhòirt Dia an gràdh so na chridhe. Bha e cosmhuil ri màthair a fosgladh a broillich da ’leanabh’ agus aig an àm cheudna a toirt fuasglaidh dhi féin leis a’ phailteas a bha aice. Tha iad so ag iarruidh a bhi gluasad gu neo- * Donald Morrison. Ness. [TD 14] lochdadh, cosmhuil ri bean leth-tromach ag imeachd air eigh an déigh chaich: O! gluaisibh gu faicilleach, cha n ann mar amadanibh, ach mar dhaoine glice. O nach robh mo cheumana air an stiúradh, etc. Chan eil iad os ceann, a bhi a g iarruidh, O gléidh mi! air maduinn, meadhon-latha, agus feasgar. Is sinne obair-san air ar cruthachadh ann an Iosa Criosd chum dheadh oibre: Tha deadh obair a leantuinn creidimh, cha n ann’dol roimhe. O gu n aithnicheadh an saoghal gu bheil iad a gràdhachadh a chéile, agus a’ toirt maitheanas d’a chéile, cosmhuil ris a bheam a bha tilgeadh air a cùl na nithe bu mhiosa a bha i faicinn ann an sluagh an Tighearna, ach a gleidheadh na nithe a’ b’ fhearr. Nuair a bha Lùthar a càineadh Chalbhin, fuathaicheadh Lùthar mise, ars Calbhin; gairmeadh e diabhul dhiom mile uair, gidheadh gràdhaichidh mise esan, agus aidichidh mi e mar sheirbhiseach prìseil leis an Tighearna. (Pul Illus). Mar Ghaiuis gràdhach, caoimhneil, ch’n ann a mhàin do na bràithribh, ach mar an ceudna do choigrich. Iadsan a bhlais dheth, ’se an iarrtas gu m bliaseadh muinntir eile dheth mar an ceudna. Tha iad beò beathe ’chriedimh air Criosd. M.M.* Chaidh fhoillseachadh dhoibh so, gu’n do pheacaich iad. Chual’ iad guth Dhé ag ràdh, gu’n robh iad air seacharan. Chaidh an cur gu’n glùinibh do an uaignidheas mar pheacaich chàillt an làthair Dhé; ge do bhiodh an glùinean cho rag roimh, ri glùinibh an Elephant. Bha cionta. dorchadas, ain-eòlas, agus éu-comas gu n cuairteachadh. Bha an t-sìth mheallt’ air am milleadh orra, bha’ chogais air a dùsgadh, chuimhnich e a lochdan, ghlaodh e mach, ’Ciod a ni mi,’ mar an cis-mhaor, ag urnuigh, “Dhé dean tròcair orm-sa a ta’m pheacach. Mur’eil thu air an leasan so, cha ’neil thu fathast ach ’na do droch sgoilear, tha agad ri toiseachadh fathast aig an toiseach. Nuair a bha iad a dol sìos gus an t-sloc, chuimhnich e orra.” “A chuimhnich oirnn’ n’ar staid ìosal; oir gu bràth mairidh a thròcair.” Tha cuid eile am brù nan dearbhaidhean car ùin, ach tha iad a’ bàsachadh mar thorraicheas an-abuich. Chunnaic iad so am Mac’ na’ ghlòir. Tha fear mo ghraidh-sa geal, agus dearg. Tha e uile gu léir ionmhuinn; threoraich e mi do thigh an fhiona, agus b’i a bhratach tharam an gràdh. Mur d’ fhuair thu gràdh, cha d’fhuair thu creideamh, oir is e an gràdh a’s mò. Bithidh a shluagh a seinn gu sìorruidh; Dhasan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhibh’ na fhuil féin. Tha iad ag iarraidh gu bhi beò dha, agus air a shon. * Malcolm Morrison, Gaelic Teacher. [TD 15] J.M.* Tha an cumhachd so, a tha ag oibreachadh creidimh slàinteil ann anam ro-mhòr. Bha an cumhachd so air a chleachdadh a thaobh Chriosd ceann na h-eaglais, agus feumaidh buill na eaglais so,’ nuair a chomhbheothaich an cumhachd so iad maille ri Chriosd. Choinnich an cumhachd so ri cumhachd a’ bhàis, agus ri cumhachd an diabhuil. Nuair a chuireadh Criosd do’n uaigh le cloich air a dorus, maille ri séula Philait, agus an luchd-faire; cò ach iad-san, cha n éirich e; ach ’sann a bha cumhachd na Diadhachd ga m faicinn mar na cuileagan. An robh e ’an comas do chumhachd na Romhanach a chumail anns an uaigh? Thainig a chrith-thalmhainn, dh’ éirich Criosd. B’e so cumhachd Dhé. Bha ifrinn, agus talamh air an armachadh ’an aghaidh Dhé, ach theich àrmailtean na h-ifrinn anns a’ chath. Rinn Dia fanoid orra.’ B’fhearr dhoibh a bhi air am béul a chumail dùinte. Bha e ’cur an céill ’an làithibh’ fhèola air an talamh gu m b’e fèin Dia, nuair a thubhairt e, “leagaibh sìos an teampull so, agus ann an trì làithibh cuiridh mise suas e.” Cha’ n e mhàin nach do chreid an saoghal, ach cha chreideadh a chàirdean aig an àm, seadh cha chreideadh Tomas na mnathan; cha n urrainn mise’ ur creidsinn gus am faic mi làthrach na n tairngean, etc. Bha e air a thogail o na marbhaibh le cumhachd na Diadhachd, agus air àrdachadh gu ro-àrd os ceann gach uachdaranachd, agus cumhachd, etc. A rìs, ciod, e ro-mhéud a chumhachd a thaobh nan creidmheach. Bha an anma’ anns an uaigh gu spioradail; Bha an séula, na saighdearan, agus a’ chlach mhòr, an eas-creideamh, an saoghal, an diabhul, agus an truailleachd ga’ n cumail nan’n codal; ach dhearbh an Spiorad le a chumhachd air an anam, olc, agus ciont’ a pheacaidh, air chor as gu n robh e mar chnuimh shalaichc: leig e ris dhuit gu’n robh thu salach na làthair. O, ars an créutair, a’m bheil glanadh air son a’ leithid’ thràill shalaich mar mis.’ Tha an t-ardan a faotuinn buille anns a cheann: tha e furast do na chumhachd a chrathadh os ceann ifrinn. Tha Criosd na Shlànuighear o pheacadh: ghabhadh an diabhul, agus daoine sàbhaladh o ifrinn ach tha Criosd a sàbhaladh o pheacadh; rinn am peacadh daoine cosmhuil ris an diabhul; tha am peacadh na smior do an anam’, chan eil e furasta an dealachadh; tha cuid mar gu m biodh iad na’n naimhdean do’n pheacadh, ach ’sann a tha iad gu n cluasaibh ann: ach cuiridh cumhachd Dhé am peacadh air falbh o bhi rìoghachadh mar a bha e roimhe. * Rev. John Maclean, Back. [TD 16] Tha an fhéin cho righinn ann, tha i mar gu m biodh naoi bithean innte; mar easgainn a dol an taobh so, sa n taobh ud ’an aghaidh dòigh, Dhe: theid an fhèin ’an iomadh cruth, ni si i féin briagha, gus am faic Criosd briagha thu, ach gearraidh Dia feithean na féin, air chor as gu n tig e dh’ionnsuidh cosan a chroinn-chéusaidh. ’Se an Tighearna a nis an cuspair a tha e gràdhachadh; tha e gràdhachadh a chliù, tha tlachd aig ann an lagh Dhé a réir an duine an taobh a stigh: ’Se a nis a bhi naomha air am bheil e’n tòir. Is caomh leis an t-Sabaid, agus na h-orduighean, Criosd a bhi fàs, agus esan a bhi air irioslachadh, mar ’thubhairt duine diadhaidh, air an do dh’ iarr Dr. Colquhoun comhar a thoirt dha air gràs, fh’àish an seann duine am bata trì uairean sìos do n talamh, ag ainmeachadh na focail so, anns a bheurla-leathan, ‘Dun, dun dun’, se sin, sios, sios, sios, a fas ann an irioslachd. Tha iad ga n toirt féin suas na làmhaibh tre ghràs, gu bhi air an glanadh. Labhair càirdean eile air a Cheist aig an àm, ach ’s fearr an leabhran a bhi beag; chum ’s gu ’m biodh e comasach do mhòran ’fhaotainn. [TD 17] CAIB II (Là na Ceist an Sgire Charlobhaigh; 27mh de dhara mios an Fhoghair, 1878.) AIR do ’n t-seirbhis a bhi air a fosgladh anns an dòigh ghnàthaichte, dh’iarradh air aon de ’n braithrean cuibhrionn de ’n fhìrinn a thoirt a mach mar bhonn ceiste. Tha na brìathran a thugadh a mach anns an treas caibdeil de litir an t-Absloil Phoil a chum nan Colosianach, 9 mh, agus an 10 mh rànn. “Na deanamh bréug d’a chéile, do bhrìgh gu’n do chuir sibh dhibh an seann duine maille r’a ghnìomharaibh, agus gu’ n do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air athnaudhachadh ann an eólas a rèir iomhaigh an tì a chruthaich e.” Bha comharan an duine nuaidh air iarraidh, agus an t-eolas a bha aca air an “t-seann duine”. Maille ris na trioblaidibh a bha aca an lorg an eolais sin. (LUCHD-LABHAIRT) J.McR.* Bha iad so aon uair beò anns a pheacadh, a deanamh seirbhis do iomadh gnè de ana-miannaibh, etc.: ach dhòirt Dia an Spiorad Naomh orra, a rinn an ath-ghineamhuinn, agus an ath-nuadhachadh. O! mhòr ghràdh leis an do ghràdhaich e sinn. Thàinig na càirdean ’n ’so, agus is maith leo a bhi cluinntinn comharan an “duine nuaidh:” ’Se an doigh air an t-seann duine a chéusadh, a bhi tric ag amharc air Criosd mar an t-Eadar-mheadhonair. B’fhearr leo so an ana-mianannan a cheusadh na saoibhreas an t-saoghhail so. M.M.† Tha dà ni ’an so fa ’r comhair, an duine nuadh agus an seann duine. Tha na sgriobtuirean a cur soluis orra; agus anns an t-seadh so, ’se dithis, no dà bhuidheann a tha anns a choimh-thional mhòr so, an “seann duine”, agus an “duine nuadh.” Tha iad so ag iarraidh comhar o’n Tighearna; na ’m feòraicheadh tu dhiubh, an do chuir iad dhiubh an “seann duine”: ma théid iad gus na fairichidhean a tha aca air an “t-seann * Rev. John Macrae, Duirinish, Skye. † Murdo Macleod, Catechist, Lochs. [TD 18] duine”: tha ’m beòil a stad gun freagairt. Ach tha an “duine nuadh” a dùnadh ri Criosd ann an tairgse an t-soisgeul. (Tha sinn a cur féum gu’n deanadh an Tighearna so dhuinn. Cò dh’ fhanadh go socrach ann an deise an “t-seann duine,” mar a thuit e air falbh o Dhia. Nuair a tha lagh Dhé a mallachadh a pheacaich, feumaidh am peacach bochd gabhail ris na tha ’n lagh a’ cur air). Tha Criosd air a dealbh ann n an anmaibh mar “Earbsa na glòire.” Tha mar an céudna gràsan an Spioraid air am buileachadh orra. Tha Criosd luachmhor dhoibh anns’ na céumaibh anns na dh’ fhuiling e. ’S iomadh “och,” tha aca so fo chumhachd an “t-seann duine,” na ’m faigheadh iad a chlaoidh, ma ni iad so, no sud, tha na h-uile nithe air an deanamh na m peacadh dhoibh: ach tha an “duine nuadh” a’ gabhail tlachd ann an lagh Dhé. Seadh’ gabhail tlachd anns na tha aig Dia shuas, agus a bhos. Comhair eile air an “duine nuadh,” tha meas aig air sluagh an Tighearna: “is e do shluagh sa mo shluagh-sa,” agus do Dhia-sa mo Dhia-sa.” ’Se la na Sàbaid, an là anns a bheil tlachd an “duine nuaidh” an e là an Tighearna anns a bheil do tlachd-sa; tha cuid a chuireas féum air, air son fois, ach bochd ’s mar, tha thu, théid thu mach a dh’éisdeachd focail an Tighearna. Tha iad a miannachadh a bhi air an éideachadh le ’n tigh o néimh ged, tha iad ri osnaich ’an so. A.M.* Tha sinn a leughadh gu’ bheil tri pearsa’ san Diadhachd, agus tha làmh aig gach aon dhiubh ’an saoradh an anma. Mu’n do dhùisg Dia a’ mhuinntir so, cha robh aca ach an “sean duine.” Fhuair iad so mothachadh goirt air peacadh gin, agus air peacadh gnìomh bha féum aca air làmh Dhé’ nuair bha iad anns a chor sin. Bha cuid ’rinn ulluchadh chum crìoch a chur air am beatha féin, nuair a bha iad anns an t-siudheachadh sin, ach chum Dia iad gun sin a dheanamh: thug an duine suas na h-uile dòchas ri téarnadh. Ach thàinig àm Dhia na’ chumhachd saoraidh, agus dh’ fhoillsich e Criosd do ’n anmaibh. Bha ’n suilean air am fosgladh, agus an coguisean air an leigheas, shaoil leo nach robh trioblaid gu bhi aca tuilleadh. Bha an àite ud mar Bhetel. Gen. 28, 19. Chuir e suas clach-chuimhneachain, far an do bhòidich e bòid, Aitheanta mo Thighearna le cùram coimhdidh mis.’ Seadh bha n àite mar Phenuel do ’n anam, far an robh e féin agus Dia aghaidh re h-aghaidh, agus anam air a thearnadh. Chuir Dia comhar air o’ na là sin, tha e’ gluasad gu fòil, tha an anam a g’ iarraidh a cheud toraidh. Bha iad san àm ud mar a bha Peadar * Alexander Maciver, Lochs. [TD 19] air a bhéinn, a “Mhaighstir is maith dhuinne a bhi an so, deanamaid tri pailliuna,” ’be so là ’m pòsaidh anns an robh an cridhe air a tharruing a dh’ionnsuidh Chriosd a m Fearposda. Tha iad air an gabhail a stigh a dh’ionnsuidh teaghlaich Dhé. Tha an Spiorad Naomh a’ teagaisg an anma so, gu bheil peacadh anns an nàbaidheachd aca, gu bheil truailleachd a gabhail comhnuidh annta, och, och, chi thu gràinealachdan a’s mò. (Esec. 8.) ach tha an duine nuadh a fàs ’s an taobh a stigh, agus ’s an taobh a mach. D.M.* Chuala sibh mòran mu dhéiligeadh an Tighearna ri’ shluagh, agus mu nàduir an “duine nuaidh,” agus an “t seann duine.” Ainmichidh mi ’n toiseach, gu’n do dhearbh Dia orra gu ’n robh iad ’na m peacaich, agus gur e tuarasdal a peacaidh am bàs. Ghabh iad ris na thubhairt Dia, gu n do pheacaich iad na’ aghaidh, agus an aghaidh an anman fein, “a’ d’ aghaidh, a’ d’ aghaidh féin a mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc a’ d shealladh. Gabh iad ri Criosd mar pheacaich ifrinn thoillteannach, dh’ amhairc iad air agus shoillsicheadh iad. Salm 34, 5. Chunnaic a n creideamh’ an Criosd na h-uile nithe air an robh iad ’am féum air son na siorruidheachd. Tha an cor air atharrachadh, tha ’n créutair a nis a toiseachadh ri cur dheth a n “t-seann duine,” thoisich e ri dealachadh ris na seann chompanaich chuir e culaobh riu, agus aghaidh a leantuinn an Tighearna, oir tha gràdh Chriosd ga cho-éigneachadh; thàinig e gu co-chòrdadh ri dòigh an t-sabhalaidh ann an Iosa Criosd; Cha bhiodh fios agad gu robh “seann duine” agad, gus an fhuair thu an “duine nuadh.” Bha dùil agad gu robh an seann duine air a mharbhadh, ach dh’ éirich e: anam bhochd, shaoil leat gu bheil e fuasgailte nuair’ tha e breabadh. Thug sin air an Abstol ’ràdh, “och is duine truagh mi! Cò shaoras mi o chorp a’ bhàis so? Tha an corp so ga leanntuinn, ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl agus uabhar na beatha, tha iad sin’ ga leantuinn, mar thubhairt Dia ri cloinn Israeil, gu m biodh na cinnich nach do thilg iad a mach, na m bioraibh na ’n cliathaich. Comhar, cha ghabh iad tlachd ’an comunn na’n aingidh. Salm I.1. B’fhearr leis a bhi ri dorsaireachd ann an tigh an Tighearna, na bhi a chòmhnuidh ann, am pàilliunaibh aingidheachd. Salm 84, 10. Tha Criosl luachmhor dhoibh, mar ’thubhairt an Eaglais. “Tha Fear mo ghràidh-sa geal agus dearg.” Tha an duine nuadh a tabhairt gràidh do àitheantaibh an Tighearna. * Donald Mackay, Shader. [TD 20] D.G.* Bhris an claidheamh geur dà fhaobhair, ann an tròcair, an chridhe, ‘lagh, agus an soisgeul. Chaidh an lot, agus a leigheas ann an là na gàirm-éifeachdaich. “Bheir mi air falbh an cridhe cloich às am feòil, agus bheir mi dhoibh cridhe feòla.” Tha aca so ri bhi cogadh an aghaidh an “t-seann duine,” agus mar sin a fàs ’an eòlas air cumhachd an t-seann duine, air chor as gu bheil iad ag éigheach. Cò shaoras mi o chorp a bhàis so? Ach tha Criosd maille riu, mar a bha e maille ris an trùir òganach anns an àmhuinn. Tha iad so ga mothachadh féin lag, agus air dheireadh: Cha ’n eil mis’ (ars ise) cosmhuil ri h-aon de d’ ghruagaichibh-sa. Ach tha an tlachd uile anns na naoimh’ tha air thalamh, agus nam flath. Salm 16, 3. K.M.† Fhuair aon dhiubh so a bhith o n’ pheacadh, ach an aon eile o ghràs. ’Se an Tighearna ciubhrionn an “duine nuaidh.” Tha cogais ac’ (cò tha as a h-eugmhais) tha iad a deanamh gnothaich cogaiseach, anns ’s na h-uile nithibh, air Sàbaid, agus air seachduin Tha iad a cleachdadh creidimh air Criosd mar a m “Fear-tagraidh” air néimh. M.M.‡ Tha eagal orm éiridh, agus tha nàire orm labhairt. Tha eagal orm nuair a dh’ éirich mi, gu n d éirich an “seann duine” maille rium. Tha mi seachd sgìth dheth. Cha’ n e mòran cainnt a tha aig an “duine nuadh.” Cha ne e ’s mò ’ni dh’ fhuaim. ’Se tha aig’ an osna. Is ciumhne leam Jain Macleòid (Maighstir sgoile Gàelig), a bhi labhairt air a “Cheist” ’an sgìre Uig. Dh’iarradh air innseadh an robh ni aig an aghaidh Fhiunnlaidh. ’Se mo bheachd-sa (ars an duine diadhaidh) gu’ m féumadh mo chagailt féin a bhi air a sguabadh roimh chagailt neach eile do na bràithrean. Tha an “seann duine” cho aosda, fhuair sinn e ann an Ahhamh. Ge be air bith a their sibh-se, tha ’n t-àm agam-sa an “seann duine” ’chur dhiom. Leigidh an “seann duine” dhuit a chàineadh, ach cha d’ thoir sin do néimh thu. Cha bhi Criosd toillicht le ni sam bith, ach leis an “duine nuadh,” oir tha e féin air a dhealbh ann mar dhòchas a na glòire. Th an fhuil air a crathadh orra. Nuair a chi mise an fhuil, théid mi seachadh orra. Tha comharan air an “duine nuadh,” tha e blàth, mur eil gràdh agad, cha neil Dia agad. Bu choir do n’ t-saoghal an aithneachadh air an gràdh do aon a chéile. Tha mi ag ràdh ribh-se iasgairean, an cuireadh sibh ’ur lìn-éisg air son bhur gràidh do Dhia. Agus sibh se’ mhnathan an reiceadh sibh dusan ubh, air son ’ur * D. Grant, Stornoway. † Kenneth Mackenzie, Carloway. ‡ Malcolm Macleod, Bragar. [TD 21] gràidh do shluagh an Tighearna, agus ’ur ceangal ris an Aobhar. ’Nuair a thug an Tighearn dhoibh so am fìor chreideamh, thàinig anacreideamh air a lorg. Tha sluagh cho aineolach air’ so,’ sa tha na brùidean a tha thall an sin far comhair, comhar eile air an “duine nuadh.” Ged bhuaileadh tu anns a’ pheirceall e, ghràdhaicheadh e thu. Comhar eile, ma tha nàmhaid agad anns a’ bhaile anns a bheil thu, bithidh tu ’g ùrnuigh air a shon, feudaidh piuthar, agus bràthair cur a mach air a’ chéile, ach tha iad gu maitheanas a thoirt d’ a chéile. ’Se aon chomhar a bheir mi orra. Cha n’ iarradh iad aon smuain naimhdeil a bhi aca do aon do na bràithrean. Ceasnaichemaid sinn féin air ’so. Tha an “duine nuadh” ag ùrnuigh gu tric nuair’ tha e fàs. Bha an Tighearn, uairean n’ b’ fhearr dha ’g imeachd air an rathad mhòr, na anns an uaignidheas. ’S iomadh uair a bha (ars am fear-labhairt), Innsidh mi so dhuibh; Bha ’n Tighearn, ceithir bliadhna a labhairt rium go robh mi na m pheacach mòr mu m faca mi gu robh Dia a tairgse a Mhic dhomh as eugmhais m obair féin. Tha nàdur caithriseach, agus iriosal aig an duine nuadh. Seadh an dearbh nàdur a tha ann an Dia, agus ann an Criosd. A.M.* Mu thimchioll sluaigh an Tighearna tha aon ni fìor d’a ’n taobh, mar’ tha anns an rànn o bheil briathran na ceist; tha iad ’ag iarraidh a bhi ’labhairt na firinn r’a chéile mar bhràithrean ann an Criosd. Tha e gle dhuilich dealachadh a chur eadar an “seann duine,” agus an “duine nuadh.” Bu mhaith leinn comhar a thoirt air an dream as anfhainn. Feudaidh cuid a theachd gu leithid’ dh’àirde ann an eaglais Dhé, agus iad na ’n cealgairibh, nuair’ tha sluagh an Tighearn lag agus iosal, ach togaidh an Tighearna suas iad mu dheireadh. Dh’ fhaodainn iomaidh iodhche ’chaitheadh ag ùrnuigh, agus sin o chumhachd nàduir. Cha n urrainn sinn a shoilleireachadh gu ceart cionnas ’tha an duine dùnadh ri Criosd, nuair a bha e faicinn gu m feumadh Dia a bhi air a ghlòrachadh, agus anam bochd a bhi air a thearnadh: Cha b’ ann air son na chuala e aig muinntir eile, ach air ùghdarras toil fhoillsichte Dhé ann a bhi tabhairt a Mhic air a shon-san. Bha nis còir aige ann am focal Dhé. Bha an saoghal ùr dha, bha na beanntan, agus na gleanntan mar gu m biodh iad ni bu mhaisiche na bha iad roimh. Shaoil leis an anam ann an solus gràidh Chriosd a chòmhdaich am peacaidhean, nach robh iad tuilleadh gu dragh a chur * Alexander Morrison. [TD 22] orra. Ach thoisich ana-miann a sud, ’san so ag iarraidh an àite, thosich e gabhail eagail nach b’e fìor obair Dhé a thoisich ann: na’m bitheadh sin mar sin, cha bhitheadh so mar so. Tha na Canaanaich ro-chumhachdach air a shon. Cha n urrainn iad a nis ni’ thoirt an làthair Dhé, ach “saor-ghràs.” ’Se mothachadh a ta aige. “A’ t’ aghaidh, a’ t’ aghaidh féin a mhàin pheacaich mi.” Bheir mi aon chomhar orra. Ge do mhaith Dia am peacanna dhoibh, cha tug iad maitheanas dhoibh féin. Tha cuid a gabhail fasgaidh fo thròcair choitcheann Dhé. Ach ’s aithne dhomh cuid, agus dh’iarradh iad gu àite uaigneach gus am faigheadh iad focal o n Tighearna. Ghabhainn sin mar chomhar air neach ’tha ’g diarraidh Chriosd. Comhar eile, tha thu ga iarraidh ann an uile mheadhonan nan gràs, tha aomadh t-inntinn do ’n ionnsuidh, agus dh’ iarradh tu na m biodh e comasach uile shluagh an Tighearn ’chur a’ d’ ghàirdeanaibh. Tha dà nì a leanntuinn an duine nuaidh, eòlas air slighe an t-sàbhalaidh, agus faicil dhiadhaidh mar thoradh. Bu choir dhuinn a bhi mor Ghalilèaich do ’n t-saoghal gu robh sinn maille ri Criosd: agus do ar cogaisean, gu bheil sinn dìleas do a r n aideachadh. Tha iad a g’ iarraidh eisimpleir Chriosd a leantuuinn. Tha iad a deanamh bròin cho fad ’s a tha iad air dheireadh. [TD 23] CAIB III (Là na Ceist, aig à Communnachaidh an Sgire Chrios, 11mh là de mhios deireannach an Fhoghair, 1878.) AIR do ’ t-seirbhis a bhi air a fosgladh anns an dòigh ghnàthaichte dh’ iarradh air aon de na bràithrean focal de ’n fhìrinn a thoirt a mach mar bhònn co-labhairt. Tha na briathran ann an Isaiah 28, 16. “Feuch suidhichidh mise mar stéidh ann an Sion, clach, clach dhearbhta, clach-chinn na h-oisinn sàr bhunait: esan a chreideas, cha chuirear gu h-amhluadh e.” Bha comharan na muinntir ’tha air an togail air a bhunait Criosd air an iarruidh; eadar-dhealaichte o na h-uile togail eile, agus cuid de nithe ainmeachadh mar a chaidh a chlach stéidh a dhearbhadh. J.M.* Esan a chreideas cha chuirear gu h-amhluadh e, se sin, cha dean e cabhaig. ’Se ’chlach ’ta ’an so, an Tighearna Iosa Criosd; mar ’tha an t-abstol Peadar ag ràdh air so. “A teachd d’ a ionnsuidh-san mar gu cloich bheò a dhiùltadh gu deimhin le daoinibh, ach air a taghadh o Dhia agus luachmhor,” etc. Bha teampull Sholaimh maiseach le h-òr, ach ’sann a bha i ’samhlachadh a mach teampull ni bu mhò na teampull Sholaimh. Dh’ fhoillsicheadh Dia ’san fheòil nuair a thainig an Dia siorruidh a dh’ionnsuidh teampull a dhaonnachd. Bha an teampull so na samhla air an eaglais. Feuch suidhichidh mise mar stéidh ann an Sion clach. Tha sibh-sa air bhur togail air mar chlachibh beò.” Agus Dia a gabhail còmhnuidh annta le a Spiorad. Bha àm ann anns nach robh bith aig a Dhaonnachd, ach bha a Dhiadhachd o shìorruidheachd. Chum as gu ’m biodh Criosd na Stéidh dhearbhta ghabh e nàdur an duine air gus am biodh Buadhan an Diadhachd air an ghòireachadh, an lagh air a riarachadh agus air urramachadh. Bha e naomh na nàdur, agus na fhulangais. O! chriochnaich e ’n obair a chum ’s gu ’m biodh a phobull air an * Rev. John Maclean, Back. [TD 24] téurnadh. Agus tha e mar sin air a shuidheachadh mar Stéidh ann an Sion, mar chuspair dòchais anns an t-saoghal. Mu thimchiol dearbhadh na cloich so, bithidh clachairean a dearbhadh clachan a tha air son féum le bhi ga m bualadh leis an òrd. O! chaidh iomadh òrd a bhualadh air a chloich so. O ifrinn, o dhaoinibh, agus o Dhia. Thàinig an diabhul ga dhearbhadh, ach dha d’ fhuair e ni air bith ann, thàinig daoine mar an ceudna. C’ar son o tha sibh ga bhuaireadh. Thàinig lagh, agus ceartas Dhé a chum a dhearbhadh, ach thàinig e mach mar òr air a dhearbhadh ’san téine. ’Se ’n ceathramh buidheann a dhearbh e, eaglais Dhé; tha iad a togail air: tha an Spiorad Naomh ’g innseadh dhoibh gur e so cuspair an creidimh. A nis tha an t-anam ag ràdh, mar chomhar, fhuair mise a chlach so dearbhta. Thubhairt Dia dhearbh mise i, agus féudaidh tus’ a dearbhadh mar do dhòchas: Oir rachadh an saoghal fodh anns a chuan mu n rachadh a’ chlach so fodha, tha sibh-se mar chlachaibh beò air bhur cur a mach le fùdar, agus teine o ghairbheal (quarry) an t-saoghail, gu bhi air bhur togail air a charraig so. Nuair a loisg Dia urchair, bha trì mìle air an toirt gu bhi ’cur an dòchais ann. An ti a chreideas ann cha chuirear gu nair e. Dh’fhosgail e ’n sùilean gu eòlas a ghabhail air mar a Bhunait dhearbhta; fhuair Abraham e mar so; fhuair na fianuisean ud anns an 11mh caibidil de na h-Eabhruidhich e mar so. Tha iad so ag ràdh fhuair sinn naomhachd, sìth, agus maitheanas peacaidh ann. Tha iad air an aonadh ris a bhunait, agus air an aonadh ri aon a chéile. H. M.* Iadsan’ tha ann an Croisd bha iad marbh ann am peacadh, na ’n clionn na feirge fo chumhachd a pheacaidh, agus an diabhuil: a gluasad a réir gnàth ’an t-saoghail mar bu mhiann leis an diabhul iad bhi beò, an spiorad a tha nis ag oibreachadh ann an cloinn an h-eas-umlachd. Mar tha an t-abstol Eoin ag ràdh: Tha ansaoghal uile na luidhe’ san olc. Thàinig atharrachadh mòr orra so, air chor as gu n do ghlaodh an t-abstol a mach; “Beannaichte gu robh Dia a rinn sinne iomchuidh gu bhi na’r luchd-comhpairt de òighreachd nan naomh’ san t-solus.” Agus a “shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a chum rìoghachd Mic a ghràidh.” ’Se so a tha Dia a deanamh air anam peacaich. * Hector Morrison, Tolsta. [TD 25] Tha comharan orra: Cha n eil iad ni ’s mò na n coigrich, agus na’n coimhich do nithibh Dhé mar a bha iad aon uair. Tha e na aobhar eagail gu bheil luchd-eagail Dhé ni s teirce na tha daoin’ a saoilsinn, a thaobh nach ’eil iad a’ giùlain comharan eaglais Chriosd. ’Se so an comhar a ta orra “Ghràdhaich thusa fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd;” mar sin a nochdadh do n t saoghal gu’n do dh’ fhiosraich Dia le ghràs thu. ’Sann a tha an créutair fo eagail gu’n dean Dia tròcair air, tha e ’gabhail a leithid a thlachd ann an cleachdadh a’ pheacaidh ’s nach ’eil fhios aige cionnus a bhiodh e beò, na m biodh aige ri dealachadh ris, ach tha an Tighearna deanamh a leithid de dh’àiteach air cridhe a shluaigh, air chor a ’s gu bheil iad a deanamh roghainn do Dhia. “A chionn gu n ’do roghnaich thus Dia,” etc. Tha ìomhaigh an Dé neo-fhaicsinneach air fhoillseachaidh dhoibh tre chreidimh. Tha am peacadh fa chomhair am breitheanais, mar air mhothachadh nan cridhe féin, mar a tha an Sàlmaire ag ràdh. “Tha mo pheacadh a’ m làthair a ghnàth.” Timchioll-ghearraidh mise do chridhe chum gu ’n grádhaich thu an Tighearna do Dhia. Cha ’n eil dòigh air sonas a shealbhachadh gus an riug sinn air so. Dh’ amhairc Criosd air a dheisciobuil, agus thubhairt e: ’S beannaichte sibh-se ’ta bochd ’nu ’r spiorad oir is leibh rìoghachd Dhé: air dhoibh eòlas a bhi ac’ orra fèin tha iad beò beatha dhoilghisach, ach aon ni do mhiannaich iad o Dhia, nuair a dh’ fhoillsichear e gu’ m bi iad cosmhuil ris oir chi iad a mar a tha e. D.M.* Tha e soillear nach fac iad a chlach so gus an cuala iad uaithe féin; “gach neach a chuala, agus dh’ fhòghlum o’n Athair thig e am ionnsuidh”, chual iad mar a thubhairt Dia ri Adhamh, “Adhaimh c’ àit am bheil thu?” Israel sgrios thu, thu féin: Chunnaic e gu n do pheacaich e an aghaidh Dhé, chunnaic e caillteachd na staid sin, gu ’n robh e pòsda ris an lagh, fhuair e mach nach robh ni aig an lagh air a shon ach mallachdan, bha iad ann an clàbar làthaich a pheacaidh, gun Dia ’s gun Chriosd. Bha cuid anns a’ chor so n’a b’ fhaide na cuid elie, ach cha d’ dh fhàg Dia ann s an staid sin iad; ach cha ’n e’ bhi anns an staid so a bhi ann an Criosd, ach a mhàin a’ toirt ann anma ’chum as gu mothaich e’ chunnart, agus fhéum air Criosd. Nuair a bha na tonnan a’ dol thar’ an anam, shaoil leis gu ’n cuireadh na tuinn sìos do n’ doimhne e. Aig an àm so thàinig an Spiorad Naomh agus dh’fhoillsich e Criosd dha mar an t-aon Slànuighear freagarrach. Bha an duine làidair a’ gleidheadh a thalla ’an sìth, ach thàinig a m fear a’s * Donald McLeay, Shader. [TD 26] treise agus thilg e mach o na chaithir e: agus mar a thubhairt bean Shamaria. “Thigibh faicibh duine dh’innis dhomh-sa na h-uile nithe a rinn mi riamh nach e so Criosd. Dh’oibrich Dia creideamh anns an anam so, cha ’n e’ creideamh dall gun toradh a t-ann an so, cha ’n e’ aonta lòm a tha ann, ach tha an creideamh a gabhail Chriosd ’na dhà nàdur, agus na thrì oifigean freagarrach air son anam bochd a théarnadh ge’ d’ bhiodh trì mìle anam aige dh’ earbadh e ri Criosd iad. Tha e air a leaghadh sìos fo mhothachadh air son na ’n comainean fo m bheil e dha. Tha a bhratach thairis air, an gràdh, tha an t-anam a tuiteam ’an gràdh dha. Tha gràdh againne dhàsan do bhrìgh gu ’n do gradhaich esan sinne an toiseach cha robh toiseach aig a ghràdh so. Tha cuid agus ghabhadh iad téarnadh ged nach biodh buadhan Dhé air an àrdachadh, ach tha fior shluagh an Tighearn’ ag amharc ri’ ghlòir ’na ’n saoradh. Comhar, Tha iad so fo bhuaidh a ’ghràidh, agus ’se tha dearbhadh sin, tha iad a toirt ùmhlachd da aitheantaibh. Comhar eile, tha focal an Tighearna ’na lòchran d’ an cois, agus mar sholus d’a na céum. Chuir iad cùl ri dòigh an t-saoghail. Cha ’n ’e mhàin gu’ m fac iad olc a pheacaidh anns an lagh, ach chunnaic iad e mar an céudna anns a chrànn-chéusaidh. Tha dà ni ’an so a dol maille ri chéile. Gràdh do Dhia, agus fuath do’n pheacadh. Comhar eile, tha truas agad ris na peacaich a tha fathast gun Chriosd. Tha iad ceaingailte ri meadhonaibh na n gràs, uaigneach, agus follaiseach. I.C.* Thàinig an fhirinn so do’ m ionnsuidh, agus insidh mi i; gu n do leag Dia bunait ann an Sion, agus ciuridh bochdan an t-sluaigh an dòchas ann, agus anam bhochd nach maith an naidheachd sin dhuit-sa an diugh gu bheil a bhunait so air a leagadh; ’s gu n cuireadh an t-anam bochd aig am bheil an rìoghachd a dhòchas ann. Tha iad so a cur féum air gràs a chreidimh gus an neartachadh, oir tha e na neart do ’n bhochd. Agus a ris “as a lànachd-san fhuair sinn uile, agus gràs air son grais. Fhuair iad gràs a’ chreidimh, agus gràs a ghràidh. Comhar, rioghnuich iad Criosd mar an t-slighe gu néimh. Tha iad a’ leanntuinn Chriosd agus ag urnuigh, O stiùr mo chéuum,” etc. ’Se Criosd crioch an lagha dhoibh. Tha iad a teachd a nìos o’ n fhàsach an taic air Criosd mar an t-urras a chaidh suas do néimh. O! nach tigeadh e nuas a dh’ionnsuidh na muinntir a tha gun iompachadh, O! gun gabhadh Dia truas dhiubh. M.M.† Nuair tha neach a dol a thogail tighe, tha e toiseachadh leis an spaid, agus leis a’ gheamlaig. Bha cuid de shluagh an Tighearna a bha fada’ cladhach, bha * John Campbell, Arnol. † Malcolm Morrison. Gaelic Teacher. [TD 27] iad a’ trasgadh, ag urnuigh agus a gul, cha ghabhadh iad so ri soarsa gus am faiceadh Dia iomchuidh a toirt dhoibh. Ach’ nuair a bha iad air an aonadh ri Criosd, an sin thubhairt iad. “Is tu mo Chuibhrionn gu siorruidh. Cha n eil neach air thalamh air am bheil mo dhéidh ach thusa. Mur ’eil gràdh agad do na bràithribh, cha chreid mi gu bheil gràdh agad do Dhia. Tha nis’ bòidean Dhé orra. O! ’neach a shaor sinn o bhàs co mòr. Tha an Tighearn a deanamh obair ghoirid air an talamh: bha am méirleach ann an trì rìoghachdan ann an aon là. Iadsan a chreid, tha glòir Dhé na eallach orra, bha gràdh Dhé air a Dhòirteadh na’n anmaibh, agus rinn e an co-éigneachadh’; ged tha chéir cruaidh leaghaidh i. Thug an Rìgh thu stigh do thigh an fhìona, agus bha a bhratach, an gràdh air a sgaoileadh ort: Shuidh thu sìos fo’n chrannaubhall, agus bha a thoradh milis do d’ bhlas. O pheacaich gun Chriosd; cha’n fholuich na beanntan sibh’, nuair a their e ribh; “Imichibh uam a shluagh malluichte,” etc. D.M.* Cha n’eil neach an so a chreid a tha os ceann a bhi ’cur na ceist ris féin, an do chreid mise ann an Criosd. Tha cuid agus ’se aont’ a tha iad a toirt. Ceasnaicheamaid sinn féin am bheil sinn ’sa chreidimh. Agus ciod e a bhi anns a’ chreideamh? A cheud chomhar a bheir mi orra: Tha Criosd luachmhor dhoibh, tha e do mhuinntir eile mar “fhréumh à talamh tioram chan ’eil sgéimh no grinneas aige,” etc. Nuair a rinn Dia comasach iad, cha do rinn iad nì sam bith cho furasta ri creidsinn ann an Criosd: Air an làimh eile, chan ’eil ni cho diulich ri creidsinn. Cha b’urrainn Tomas creidsinn, ach nuair a thàinig an t-uisg air a mhuilinn, thubairt e; Mo Thighearna, agus mo Dhia. Thubhairt an t-anam a chreid. Tha e gu léir ionmhuinn. Tha mi meas nan uile nithe nan càll air son Chriosd. A ris tha e luachmhor dhuit mar shagart, a chéud oifig ’s an do dhùin thu ri Criosd ’nuair a bha iad air bruaich ifrinn, theich iad gu Criosd air a chéusadh. Tha iad a tighinn na h-uile là d’a ionnsuduh mar Shagart. Tha e luachmhor dhoibh mar Fhàidh; Ceannaich uam-sa an sàbh-shùl a chum gur léir dhuit. O Chriosd luachmhoir! gu ’n robh thu luachmhor dhomh sa; Tha aon ni nach ’eil luchmhor do’n chealgar, agus ’se sin naomhachd, ach tha an t-anam so a’ gabhail tlachd ann an naomhachd. Tha iad a’ fàs ann an naomhachd. Tha am peacadh air fhuathachadh nis mò leò. Thub- * Rev. Duncan MacBeath, Ness [TD 28] hairt Mr Lachlann, gu m briseadh aon pheacadh stéidh a t-saoghal. ‘Och,’ ‘och,’ is duine truagh mi, ars’ Pòl, ’nuair a bha e fàs ann an naomhachd. Cha gabhadh iad sàbhaladh mur biodh buadhan Dhé air an glòrachadh. Sìbh-se a shuidheas aig bòrd an Tighearna, tha Abraham, agus na naoimh a chaidh do ghlòir aig a’ bhòrd shuas; cosmhuil ri fàrradh Iacob, ceann a bhùird air an talamh, agus an ceann eile air néimh. Ma tha thu ag iarraidh a bhi sona dean roghuinn do Chriosd ’an làithibh t-òige. Tha iad ag iarraidh a bhi beò do Chriosd, féumaidh iad a bhi ’beathachadh air Criosd anns na geallaidhibh agus anns na h-òrduighibh: a tarraing uisge le aoibhneas à’ tobrichibh na slàinte. Mar tha iad a’ fàs ’an naomhachd, tha iad a’ fàs ann an irioslachd, tha iad a’ fàs sìos mar a tha iad ’fàs suas. Tha mi falamh (ars aon) mar a bha bràithean Joseiph; thig le eallach sam bith a tha agad, agus gabhaidh esan riut, fosgail do bhèul cho tric ’sa thig thu. Ch bhris am bank so mar bhris tigh-tasgaidh airgid Ghlaschu. Thig le do (bhìll) sgrìobhadh-geallaidh, ’s gheibh thu pailteas òir. [TD 29] CAIB. IV. (Là na Ceist, aig àm Communnachaidh ann an Sgire Bharbhais, 1878.) AIR do n t-seirbhis a bhi air a fhosgladh anns an dòigh ghnàthaichte, dh’iarradh air aon de na bràithrean earrann de ’n sgriobtur ’thoirt a mach mar bhònn ceiste. Tha ann earrann anns an aon caibdeil deug de’ litir na na Eabhruidheach, 24, 25, 26. “Tre chreidimh air teachd gu h-aois do Mhaois, dhùilt e bhi air a gairm ’na mhac do nighinn Pharaoh,” etc. Bha comharan an fhior-chreidimh air an iarraidh, maille ri cuid de dhearbhaidhean a bha ga ’leantuinn; deallaichte o ’n chreidimh mheallta leis am bheil daoine a’ deanamh aideachaidh air diadhachd. An déigh nithibh àraidh a bhi air an labhairt ann am fosgladh na ceiste; bha aon de na bràithrean air a ghàirm gu labhairt. A.M.* (Lochan). Labhair Dia ris a’ mhuinntir so. Thàinig an àithne le cumhachd, dhearbh e orra gu ’n robh iad ’na m peacaich chàillt’, na ’m braighdaibh aig a pheacadh, agus aig an diabhul. Bha iad air am bioradh ’na ’n cridhe; “dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg théinnteich a sgriosas n h-eas-cairdean.” So an staid ’san robh iad gus an d’ rinn cumhachd Dhé comasach iad air dùnadh ri Criosd mar a bha e air a thairgseadh dhoibh. “Tha cuid, (note) agus ’s urrainn dhoibh a ràdh, sud an t-àite anns an do labhair an Tighearna rium, ’Se so an t-inneal, agus ’se so am focal leis an do chuir e saor mi; ach tha cuid eile, agus bha iad aon uair comasach air iomradh a dheanamh air dèiligeadh an Tighearna riù; ach a thaobh cumhachd truailleachd, agus eus-creideamh, cha cheadaich iad dhoibh féin an fhìrrinn ìnnseadh anns a chùis so chum cliù Dhé: ach mar a fhreaghras aghaidh do dh’ aghaidh ann an uisge, tha an suidheachadh co-chòrdadh ri faireachdain sluaigh an Tighearna a tha iad a cluinntinn, no a’ léughadh, their iad, ma bha mise riamh air m’ ath-bhreith ’sann air an dòigh so tha mi nis a cluinntinn.” * Alexander Maciver, Lochs. [TD 30] Tha gràsan an Spiorad air suidheachadh na ’n anam, gu h-àraidh, creideamh, dòchas, agus gràdh, tha iad sin gu bhi cleachdadh anns an anam, le n toraidhibh a’ briseadh a mach anns an t-saoghal. D.G.* Tha dà sheòrs’ creidimh anns an t-saoghal, tha aon dhiubh dall agus aineolach, ach tha ’n t-aon eile ag amharc air Criosd mar a chuspair. Tha iad so na ’n sluagh an-shocrach, agus dìblidh; ach cuiridh iad an dóchas ann an ainm an Tighearna. Seph. 3, 12. Tha iad so bochd, cha’n ann cosmhuil ri muinntir Laodicea, gun fhéum ac’ air ni sam bith tha iad so. Tha iad a cur féum air a chòmhnadh a là agus a dh’ òidhche cha na urrainn iad éiridh gus an tog an Tighearna iad; ach tha creideamh agus gràdh ga ’n deanamh comasach air an Tighearna leantuinn anns an fhàsach so. Bithidh an creideamh air a dhearbhadh, ach thig iad a mach à h-àmhghar mòr, agus bithidh an trusgain air an nigheadh ann am fuil an Uain. Tha an luach-saoithreach air thoiseach orra: tiormaichidh Dia gach deur o ’n sùilibh. N.M.† Thoir an aire, (ars Mr Cook) cha n fhàs creideamh ann an gàradh nàduir. Nuair a thubhairt Criosd ris na deisciobuil. Cò tha daoin’ ag ràdh is mis’? Tha iad ag ràdh gur tù am fear ud, agus am fear ud eile. “Ach cò tha sibhse ag ràdh is mì,” fhreagair Peadar, is tu Criosd Dhé. Cha do dh’ fhoillsich fuil no feòil sin dhuit-sa, ach m Athair-sa a ta air néimh. An t-anam a fhuair an creideamh so, thig e gach là gu cathair gràis. Tha da shùil aig a’ chreidimh so aon ag amharc air an neo-airidheachd féin, agus an t-aon eile ri Criosd a tha comasach gu téarnadh chum a chéum a’s fhaide mach. Tha iad ’an crochadh air frithealadh Spioraid nan uile ghràs cho fad’ s a tha iad anns an fhàsach so. A.M.‡ Cha dean fuil no feòil an creideamh so a thoirt, ach Spiorad Dhé. Tha sinn a léughadh gu bheil na deamhain a’ creidsinn, agus a’ criothnachadh. Nuair a tha e air dhearbhadh air an anam gu bheil e càillte tha e’ toiseachadh air urnuigh, feudaidh e comhfhurtachd a ghabhail innte( gus a bheil urnuighean air an deanamh na pheacadh dha. Mar a bha a bhean air an robh an dòrtadh fola, chaith i na bha aice: cho fad ’sa bhiodh aon fheòrling aice cha tigeadh i dh’ionnsuidh Chriosd. Tha a mhuinntir aig am bheil an creideamh cealgach, riaraichte na ’m biodh iad air an saoradh o ifrinn; ach am fior-chreidmheach, cha ghabhadh e téarnadh mur biodh Dia air a ghlòrachadh. ’Se gloir Dhé as mò aige na téarnadh anma. ’San taobh deas ’se tha aca. * D. Grant, Stornoway. † Norman Matheson, Shawbost. ‡ Alexander Morrison, Stornoway. [TD 31] Gràdh, gràdh! na’m beòil; tha e na aobhar eagail gun thàinig e do’n taobh tuath. Tha ’cheartas aig Dia cho urramach ri’ ghràdh. Tha am fior-chriosdaidh a faicinn toillteanas neo-chriochnach ann am pearsa Chriosd, agus gu bheil an slàinte-san o ghràs. Tha buairidhean a coinneachadh ris an fhìor-Chriosdaidh, an saoghal, an diabhul, agus an fheòil. Tha buairidhean an diabhuil a milleadh an saorsa. Tha carbadan iarruinn nan Canaanach ro-làidir air an son. Mar a’s mò ’ta aca de ghràdh, ’sann a’s mò chiurras am peacadh iad; ach tha sgiath a chreidimh, clogaid na slàinte, agus claidheamh an Spiorad ni a’s e focal Dhé, etc., air a thoirt dhoibh. Tha fios aig Dia air neart an diabhuil. Aig amaibh nuair a ghlacas iad an cliadheamh, tha iad a mothachadh a phairilis na’n làmhaibh, ach mar chomhar orra, nuair a tha an t-aobhar ìosal agus a fulang, ’sann a’s mò tha iadsan ga ghradhachadh. Nuair a thubhairt Criosd ris na deisciobuil, Rachamaid a ris do Iudea, O (ars cuid dhuibh) ’Mhaighstir am beil thu dol a rìs an sin, far an do dh’iarr na h-Iudhaich do chlachadh. Dh’ fhreagair Tomas diadhaidh, rachamaid-ne mar an céudna maille ris; cha téid clach air Criosd ghràidh nach bi sinne maille ris. Tha an creideamh agus an gràdh a’ méudachadh, a dh’ionnsuidh nan naomh uile, cha’n ’eil an gràdh a fantuinn an an eilein Leòdhais, ach tha e dol a dh’ionnsuidh iomalla na talmhainn, a dh’ionnsuidh America, agus New-Sealand, ’nuair a tha iad air an glùinibh anns an uaignidheas, tha cuid eile de ’n teaghlach ag urniugh air an son, tha an teaghlach so air neimh, agus air an talamh, tha an rùm farsuing. Tha an t-abstol a’ deanamh luaidh air na naoimh na uurnuighibh, gu m biodh iad comasach maille ris na naomhaibh uile air a thuigsinn ciod e léùd agus fad, agus doimhne agus àirde, agus air gràdh Chriosd aithneachadh a chaidh thar gach uil’ eòlas. Far am bheil creideamh slàinteil bithidh e méurachadh air gràdh Dhé; O mòr ghràdh Dhé! Tha an Tighearn toirt cosg ri aghaidh an triobleadean, O ciod a dheanamh na Martairich mur b’e an cosg mòr a bha an Tighearn ’toirt dhoibh. Fuilingidh an creideamh dearbhadh, mar an t-òr, ged bhiodh e air bhualadh dealraichidh e nis mò, mar sinn fuilingidh obair Dhé a dearbhadh. J.M.* Tha nadur a chreidimh ’na ni dìomhair. Tha e air a thoirt a mhàin do dhaoinibh taghta Dhé, a thug e dhoibh nuair a ghairm e gu h-éifeachadh iad. Bha cum- * Rev. John Maclean, Back. [TD 32] hachd aig ’a chreidimh thairis air anmaibh na muinntir so. Tha na deamhain a’ creidsinn, agus tha iad a criothnachadh. Tha an Spiorad a toirt eòlas faireachdail do ’n mhuinntir so. Tha buaidh aig a’ chreidimh orra. Tha a thoraidhean air am faicinn orra, oir ’s e na toraidhean a tha dearbhadh gu bheil am fìor chreideamh ann. Cha ’n ’e cheist c’uin a fhuair thu an creideamh, ach am bheil thu giùlan toraidhean a chreidimh. Tre chreidimh air teachd gu h-aois do Mhaois dhiùlt e bhi air a ghairm ’na mhac do nighinn Pharaoh, a ròghnachadh àmhghar fhulang maille ri sluagh an Tighearna, etc. ’Sann mar so bha an creideamh a fhuair Maois, sealladh nighean Pharaoh air son mac eile, cha chùm i mise na criosaibh, no na h-aparain ni ’s fhaide, thilg e chrannchur a measg sluagh an Tighearna, bha sluagh aig an Tighearn anns s na h’uile lìnn. C’ àit am bheil thusa ’dol cuideachd a Rut? Tha mi tilgeadh mo chrannchuir maille ri sluagh an Tighearna; uime sin cha ’n ’e creideamh dall a tha ’n so. Tha na Papanaich a’ creidsinn an t-sagairt, tha an creideamh dall mar a tha iad féin. Ach tha iad so ag amharc air Dia, agus air a chliu ann an sgriobtuiribh an t-Seann Tiomnadh, agus an Tiomnadh Nuaidh; a creidsinn neo-chaochluidheachd a gheallaidhean; oir cha n urrainn se e féin aicheadh. Bha creideamh Abrahain air a suidheachadh air a Charraig, agus uime sin thubhairt an Tighearn ris, Na biodh eagal ort Abraham; Is mise do sgiath, agus do dhuais ro-mhor. Gen. 15, 1. Chunnaic Maois dà nì anns an Eiphit, chunnaic e clann Israeil air an sàrachadh; am beatha searbh dhoibh le doarsa chruaidh, a deanamh làn àireamh nan clacha-creadha gun chonnlaich. Bha clann Israeil ag osnaich air son na daorsa, agus ghlaodh iad, agus thàinig an glaodh suas gu Dia, air son na daorsa, agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choimh-chceangal ri Abraham, etc. A rìs bha Maois air a thogail ann an lùchairt Pharaoh, fhuair am prionns’ òg fhòghlum ann an uile ghliocas na h-Eiphit, ach bha an creideamh ag ràdh, ’Smò an saoibhreas masladh Chriosd na ionmhais na h-Eiphit. Bithidh an luach-saoithreach mòr. Tha fios agam, ars Maois, ciod an tigh a tha ’n so, an t-itheadh’ agus an t-òl, ’sa mhisg, obair an diabhuil, gun sgur a là no dh’ iodhche. O! na daoine bochda, bithidh iad a caoidh, agus a gul ann an ifrinn fhathast. Tha fios agam [TD 33] gum bi iad trugh, ach gu m bheil sluagh an Tighearn sona; oir tha iad air an glanadh anns an fhuil a ghlanas o na h-uile peacaidh, agus air aonadh ri Criosd. Tha iad so ’na ’n òighreachaibh air Dia, agus ’na ’n comh-oighreachaibh maille ri Criosd. Their mi-chreideamh ruit, bithidh do thriobliadean lìonmhor, agus, feudaidh tu bhi air do mhealladh mu dheireadh: cha bhi, thubhairt E féin, anns an t-saoghal so bithidh àmhghair agaibh; ach biodh deadh mhisneach agaibh thug mise buaidh air an t-saoghal. Cha ’n ’e nì ùr a tha ann; oir ’san tre iomadh àmhghair a théid sibh a steach do Rìighachd Dhé Bhiodh e furast do’n Tighearna a shluagh a shaoradh gun trioblaidean, ach tha iad gu bhi chum glòir an Tighearna, agus am maith féin. Cha’n ’eil neach a tha gu bhi beó gu diadhaidh anns an t-stoghal so, nach fuiling geur-leanmhuinn. O tilg do chrannchur maille ri sluagh an Tighearna, a tighinn a steach air an dorus Criosd; ’faighinn còir anns na geallaidhibh, agus sealbh ann an Criosd, agus a bheannachdan gu sìorruidh. ’Se so an creadeamh a fhuair Maois. Tha am Mac féin ga do chuireadh, ged a bhiodh tu ’na d dhiabhul ann am feòil, cho uamhasach ri Manaseh cho eucorach ri Saul o Tharsus, cho salach ri bean Shamaria, gabhaidh e riut. Chaidh mòran a ràdh mu thimchioll nan trioblaidean; Chan’ eil rathad eile dh’ionnsuidh na Rioghachd. Chaidh Chriosd air thoiseach oirbh anns an t-slighe. Bha an saoghal ag ràdh tha deamhain aige, tha e air mhichéill, c’ ar son a tha sibh ag éisdeachd ris. Choisrig Criosd slighe nan trioblaidean dhuibh, bithidh e féin maille ribh innte’. Cha’n fhàg e sibh, cha ’n fhàg, ’s cha tréig mi am feasd thu! Chum ’s gu ’n seinn sibh; “chuir e mo chosan air carraig, shocrach e mo chéum, agus chuir e òran nuadh ann am bhéul,” etc. Salm 40. [TD 34] CAIB V. (Là na Ceist aig àm Communnachaidh ’an Sgìre Bhac. Air an 18 mh là de cheud mhios a’ Gheamhraidh, 1878.) THA na briathran a thugadh o mach mar bhònn ceiste, ann an litir nan Ephesionach, i, 7. “Anns am bheil againn saorsa tre fhuil-san, maitheanas nam peacadh a réir saoibhreis a ghràis.” Bha comharan na muinntir aig am beil an t-saorsa so air iarraidh, eadàr-dhealaichte on t-saorsa mheallt a tha cuid a gabhail thuca féin. (LUCHD-LABHAIRT) J.M.* Tha an t-abstol a briseadh a mach anns a chaibdeil so, a’ moladh an Tighearn, anns an 3 mh rànn, mar’ a tha e ag ràdh: — “Beannàichte gu robh Dia, eadon Athair ar Tighearna Iosa Criosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadaibh neamhaidh ann an Criosd,” etc. Rùnaich e o shiorruideachd gu ’m fiosraicheadh e iad le ’ghràs, gu m builicheadh e beannachdan spioradail ann an ionadaibh neamhaidh orra. Bha iad so fo chumachd a pheacaidh a tighinn a steach do’ n’ t-saoghal, mar lobhair o bhonn na coise gu riug an ceann cha ’n ’eil fallaineachd ann. Bha am peacadh a rìoghachadh na ’m ballaibh, bha iad na n tràillibh do ’n pheacadh, agus do ’n diabhul. Bha iad mur an ceudna na’m prìosanaich fo chionta peacaidh, agus ann an daorsa fo fheirg Dhé. ’Si a cheist cionnus a tha iad gu faighinn saor? Tha e nis air a dhearbhadh orra gu bheil iad ann an daorsa, lagh Dhé, gu ceart, ga ’n dìteadh, ceartas Dhé ga ’n deanamh truagh: O (ars an t-anam,) tha mi truagh! na deich àitheantan ga ’mhallachadh, a cheud àithne, seadh na deich àitheantan mar dheich ghunnan mòra, a’ fosgladh am beòil, agus ag ràdh, mo mhallachd ort, ars a cheud àithne, na deich le aon ghuth. Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithe a ta sgrìobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh. Tha mi na ’m pheacach mòr, ars an t-anam, ann an * Rev. John Maclean, Back. [TD 35] smuain, focal, agus gnìomh. Bha mo cridhe anns an t-saoghal. O cionnus a ghiùlain an Tighearn le a leithid de pheacach ’sa tha mise; cha ’n ’e mhàin peacaidhean folaiseach, ach peacaidhean mo chridhe thruallidh. Bhiodh an Tighearn ceart, ged a thilgeadh e sios do ifrinn mi, gu bhi gu sìorruidh a fulang air son mo pheacaidh. O nis cionnus a gheibh mi saorsa? Bithidh a choguis nàdurrach ag ràdh, gu’n do thoill e am bas. Is iomadh neach a thàinig a dh’ ionnsuidh an ’fhad so fo bhuaidh cogais nàdurraich, ach a leighis a lot gu faoin; ag ràdh, sìth, sìth, agus gun sith idir ann: Feumaidh am puinnsean a bhi air a ghlanadh a mach an toiseach. Cha ’n ’e àiteachadh an talaimh chreagaich a ni a chùis anns a ghnothuch so, ach àiteachadh an Spioraid naoimh anns a chridhe. Chum as gu’m bi iad air an toirt o na h-uile fèin earbsa, seadh ged a dh’ fhuilingeadh iad anns a bhreith nuaidh so: gu m bi an iomlag air a gearradh; air an toirt o stiad nàdurrach na tuiteam, gu staid gràis. Chunnaic iad gu ’n tug Criosd riarachadh do lagh, agus do cheartas Dhé ann an nadur an duine pheacaich. Chunnaic iad gu ’n robh glòir aig Dia, nuair a bha peacach bochd air a thearnadh, Cha ’n ann le airgiod, no le h-òr, ach le fuil luachmhoir Chriosd mar fhuil uain, gun chron, gun smal a tha iad air an tearnadh. Thug e dhiobh creideamh gu dùnadh ris an ulluchadh ann an Criosd; tha toillteanas gu leòr ann am fìreantachd an Urais. Dh’ fhoillsich e lànachd Chriosd dhoibh. Na ’m feòraicheadh tù dhiùbh a nis, an do dh’earb iad an anam ris? ’Se theireadh iad, O ge d bhiodh mìle, seadh deich mìle anam agam dh’ earbain ris iad! Tha sgéul ùr aca a nis, cha ’n e’ fuil, no feoil a rinn so. Tha a nis sìth aca, agus réite ri Dia, tha iad air an cur saor o chumhachd, agus o ghràdh a pheacaidh. “Tha tlachd ac’ ann an lagh Dhe, anns an duine an leth a stigh.” Cha robh so aca roimhe. Cha ’n urrainn dhuit an obair a ghràdhachadh, mur bi gràdh agad do ’n Mhaighstir. Tha cuid, agus ’se an tuarasdal tha a tha na ’n rùn, ach ’sann a tha iad so ag ràdh, le an cridhe, ’S toigh leam Thu féin, agus do sheirbhis; (mar chloinn), Athair ciod is àill leat mise a dheanamh? etc. Aitheanta mo Tighearna le cùram coimhdidh mis.’ “Cha ghabh mi nàire an uair a bheir mi spéis do t-àitheantaibh gu léir.” D.M.B.* Bha a mhuinntir so air an toirt do ’n Mhac o n t-shiorruidheachd, agus mar thoradh air sin, thàinig an Spiorad naomh, ann an àm gràis agus mar a ta e * Donald Maclean, Shader. [TD 36] sgrìbhta ’s na faidhibh, agus bithidh iad uile air an teagasg o Dhia. Chuala iad so o’n Athair. Theagasg an Spiorad dhoibh gu’n robh iad fo fheirg Dhé. Bha’ air a dhearbhadh orra leis an Spiorad tre ’n fhìrinn, gu’n robh e ceart do Dhia an tilgeadh do’ ifrinn. Cha deanadh réusan nàdurrach a chuis ’an so; ach thug Dia sùil a’ chreideamh dhoibh, agus mar ’tha co-chòrdadh aig an naoidhein ri broilleach a mhathar; fhuair e comas, agus toil, e féin a thilgeadh (ged a bhiodh mìl’ anam aige) air Criosd. Tha e faicinn Chriosd air a lot air a shon-san. An sin tha bròn diadhaidh a sruthadh mar thoradh. Tha gràdh air a dhùsgadh anns an anam do ’n chuspair Criosd, a tha air fhoillsachadh dhoibh. Anam b’e so do cheud ghràdh, agus mar thoradh air sin, tha e ag ràdh, “Ciod is àill leat mis’ a dheanamh?” Toradh eile tha air; “Feuch tha e ag uurnuigh.” O! cho freagarach ’sa tha slighe na slàinte na n sealladh; Dia air a ghlòrachadh, agus an anam air a thearnadh; thuit iad ann an gràdh do ’n chuspair so; thubhairt iad: “bha tighearnan eil’ a riaghladh thairis oirn’:” ach a nis; “cha ’n ’eil neach air thalamh air am bheil mo dhéidh ’an coimeas riut.” Ged ’fhuair iad maitheanas ’na ’m peacanna, cha do stad iad ’an sin, ach ’sann a’s mò tha iad ag iarruidh a bhi giùlan iomhaigh Chriosd. Tha cuid eil’, agus nuair fhuair iad a steach a dh’ionnsuidh comuinn na h-eaglais, stad iad ’an sin; cha ’n ’eil an cleachdadh a réir an aideachiadh. Tha toradh eile ’sruthadh do ’n ionnsuidh, ’se sin sìth ri Dia tre an Tighearn Iosa Criosd. Romh. v. 1. Tha iad a fuathachadh peacaidh: “chunnaic mi luchd-eusaontais, agus bha doilgheas orm, a chionn nach do choimhid iad t-fhocal.” Cha ’n ’eil iad so nis mò ’na ’n seirbhisich do ’n pheacadh; chaill e chumhachd riaghlaidh annta. Tha iad a fàs ann an irioslachd’ nuair tha cuid eil’ air an séideadh suas le eòlas cinn a mhàin. Comhar eile; cha ’n ’eil iad so a’ gluasad a réir na feòla ach a rèir an Spioraid. Fhuair e pòg a mhaitheanais nuair a thuit an t-Athair air a mhuinneal. Theagamh ’san àm ud nach robh dùil aige gu’n robh peacadh aige, agus mar thubhairt Joseph, ’a mach leis na h-Eiphitich as an t-sealladh; ach tha iad a faighinn tuilleadh eòlais air peacadh; tha iad a’ mothachadh am féum air glanadh nis mò, ’s nis mò: “tha mi gu cràiteach, euslan crom a’ triall gach là le bròn:” le corp peacaidh ga leantuinn; tha e faicinn gràinealachdan a chridhe féin nis mò: tha [TD 37] iad ag iarraidh a bhi naomha ’na ’n uile chaithe-beatha; tha iad ceangailte ri sluagh an Tighearna anns gach àit. J.M.K.* Bu chòir dhuinn uile mar shluagh a bhi ga r ceasnachadh féin, ciod a thug ’an so sinn? Thainig iad so a steach do ’n t-saoghal ’n m’ peacaich, o bhònn na coise gu ruig an ceann chan ’eil fallaineachd. Mu thimchioll na soarso tre fhuil-san, agus maitheanas nam peacadh a réir saoibhreis a ghràis. O na ’n tigeadh Spiorad Dhè do’ a r ’n ionnsuidh, cha bhiodh an sluagh cho socrach ’sa tha iad: Fhuair iad so ainm nuadh; cha ’n ’e an t-ainm a bha aca ’nuair a bha iad na ’an Phairisich; ach ’sann a tha iad a nis’ na ’m peacaich mhòra, mar a bha an cìsmhaor, a mhothachadh peacaidh a dlù-leantuinn riu. Tha e muladach a bhi faicinn luchd-aideachaidh òg ar là, air an togail cho mòr, ri fasanan an t-saoghail so, cho colach ri obair na feòla; ’Se duine follaichte a’ chridh ann an neo-thruaillidheachd spioraid mhacanta, agus chiùin, ni ’tha ro-luachmhor ’an sealladh Dhé. O ’bhi cosmhuil ris: tha là an dearbhaidh a tarruing dlù oirn; dearbhaidh an teine obair gach neach ciod is gné dhi, ach seasaidh an t-òr ri dearbhadh. Tha na fianuisean ga ar fagail. O! Aon naoimh gléidh sinne anns an fhasach gu uair ar bàis. D.M† Bu choir do shluagh an Tighearn bhi ag urnuigh ’an so, an diugh, na’n tuigeadh sinn an errann phrìseil a tha ’an ’so. Nuair a chuir Haman litrichean a mach, chum na h-Iudhaich uile sgrios, a bha ann an uile rìoghachd Ahasueruis; bha bròn mór ameasg nan Iudhach Thàinig Mordecai còir fa chomhair geat’ an rìgh, le saic-éudach air, seadh chuir Ester a bhan-rìghinn eudach gu bhi air a chur air Mordecai, agus gu ’n tugta eudach-saic dheth, ach cha ghabhadh esan e. Cha dheanadh na bha do mhinistearan anns an t-saoghal an cur saor. Dhearbh Spiorad Dhé orra, gu’n robh iad ann an daorsa agus rinn an Spiorad ceudna, an cur saor. Chunnaic iad gu robh Dia ceart, agus na Shlànaighear; tha iad a faighinn eòlas air an Dia cheart so. Tha an Spiorad ag innseadh dhoibh mu pheacadh, mu pheacaidhean uaigneach; tha iad a’ faicinn gu bheil iad salach, ’s gur ann a thoill iad a bhi far am bheil gul, agus gìosgan fhiacal. * John Mackay, Garrabost. † Donald Morrison, Ness. [TD 38] Bha an t-anam a faicinn gu robh Dia a’ lìonadh na bith-bhuantachd, etc. Glòir do Dhia gu bhiel e air a riarachadh, agus gu bheil e ceart, nuair a ni e tròcair air peacach mar mise. Bha eagal orra gu’n robh sluagh an Tighearna gabhail gràin dhiubh; bha iad a dol do àitibh uaigneach; chual’ iad gu’n do rinn Dia tròcair air peacaich mhòra eile, agus a theagamh (ars an t-anam bochd), gu ruig tròcair ormsa: Oir bha sinne féin éu-céillidh, etc., ach nuair a dh’ fhoillsicheadh coimhneas, agus gràdh Dhé ar Slànuighir do dhaoinibh, etc. Titus iii, 3. Anns a bheil againn saorsa tre n fhuil; tha an fhuil mar gu m biodh i blàth a lìonadh na ’n lotan; cosmhuil ris a ghréin a soillseachadh, agus a’ blàthachadh. Bha e fathast lag a chum an Tighearn a mholadh;; ach ’nuair a chunnaic e an t-Urras, b’ urruinn e’ ràdh Neach a rinneadh chuinne le Dia ’na ghlìocas ’na fhireantachd ’na naomhachd, agus ’na shaorsa, tha iad air am fireanachadh tre chreidimh, etc., agus tha iad a’ deanamh gàirdeachas ’an dòchas glòire Dhé. Tha iad a’ gràdhachadh an Athar a chuir am Mac, agus a’ Mhic a thàinig. A ris tha iad a gràdhachadh cloinn teaghlaich a’ chreidimh gu léir; ge be ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e an tì a ghineadh leis. [TD 39] CAIB. VI (Là na Ceist, aig àm Communnachaidh ann an Sgire Uig, 1877) THA na biathran a thugadh a nach mar bhònn ceiste, ann an soisgeul Eoin. 16, 27. “Oir is toil leis an Athair féin sibh, air son gu’n d thug sibh gràdh dhomh-sa, agus gu’n do chreid sibh gur ann o Dhia a thàinig mi.” Bha air iarraidh, comharan air a mhuinntir aig am bheil fìor ghràdh do Chriosd: eadardhealaicht’ o n’ mhuinntir a tha gabhail orra a bhi gràdhachadh Chriosd, ach a ta air am mealladh. An déigh beagan a bhi air a ’labhairt ann an bhi fosgladh na ceiste, bha aon de na cairdean air a ghairm gu labhairt. D.M.C.* Ghràdhaich Criosd a mhuinntir so ’an toiseach. Gràdh nach do choisinn iadsan. Gràdh sìorruidh, a tha diadhair mòr (Ambrose) a cur cainnt mar so air. “Bha e smuaineachadh ort anns an t-siorruidheachd Bithidh a leithid so de dhuine, no a leithid de mhnaoi, anns na làithibh deireannach, beò air an talamh (seadh thusa ta léughadh ma tha thu ’a ’d chreideach). agus do’n anam sin foillsichidh mi féin, do ’n anam sin bheir mi tairgse do Chriosd, bheir mi ’dha làmh a chreidimh, gu greim a ghabhail de Chriosd, agus air an aobhar sin, tha mi’ sgriobhadh sìos ’ainm ann an leabhar na Beatha, agus cha bhi neach sam bith comhasach air a dhubhadh a mach a rìs. O! sin gràdh gun toiseach, agus gràdh gun chrich! Tha na comharan so orra, a leanas, mar a thubhairt aon. (1). Rinn iad roghainn do Dhia mar an Athair, ann an Criosd, “goiridh tu dhiom-sa m Athair, agus cha phill thu air d’ ais o m leantuinn Jer. iii, 19. (2). Tha gràdh aca do Chriosd mar am Bràthair a ’s sine: Thubhairt Iosa riu, “Na ’m b’ e Dia ur ’n Athair ghràdhaicheadh sibh mise.” Eoin, 8, 42. (3). Tha gradh aca do chloinn an teaghlaich, “A thaobh na n naomh a ta air thalamh, agus nam flath, tha mo thlachd uile annta.” (4). Tha iad ag iarraidh soirbheachaidh am mathar, an eaglais, air an talamh. “Leanadh mo thanga ri m’ ghial * Donald Murray, Scarp. [TD 40] mur cuimhnich mi ort, mur fearr leam Ierusalem na m’ aoibhneas a’ s àirde.” (5). Tha iad fo thrioblaid ’nuair tha iad a cur gruaim air an Athair; faic, 2. Eachdraidh. 34. 27. (6). Tha iad a miannachadh làthaireachd, agus comunn an Athar. Salm. 26, 8. (7) Tha togradh annta air son bainne fìor-ghlan an fhocail a chum as gu fas iad leis, etc D.G.S.* Tha iad so ag iarraidh Dia a ghlòrachadh air son slighe na slàinte; bha na h-uile slighe eile air a dùnadh orra. Aon uair ’s gu n fhuair iad an gràdh so, cha bhàsaich e gu bràth. Tha iad so a gearain air cho beag, agus a tha aca de gràdh. Tha toraidhean air a’ gràdh so. Bha Rut, agus Orpah cosmhuil ri chéile ’na ’n dol a mach, dh ’imich iad le chéile, agus ghuil iad le chéile, phòg Orpah a mathair-chéile, ach dhlùth-lean Rut rithe. Tha iad so eudachail aon chuid, cho beag ’sa tha an gràdh, no nach ’eil an gràdh ceart aca. Bha bean àraidh, agus diadhair mòr, a co-labhairt. O (ars a bhean). ’Sann ormsa tha’ n t-eagal gu ’n teid mi dh’ ifrinn. Seadh (ars esan), agus ciod a bhios tu ’deanamh ann? Ar leam (ars ise) nach h-urrainn mi gun ’bhi moladh Chriosd ann: ma ’se-sin t-obair cha bhiodh iad fada gus an cuireadh iad a mach as an commun thu. A ris tha Mr Bolton diadhaidh a toirt iomraidh air mnaoi àraidh (Mrs Honeywood) a bha gu mòr air a sàrachadh le teagamhean; Cho cìnntech (ars ise a labhairt ri ministeir diadhaidh) ’sa bhrisear a gloinne so, agus i ga bualadh air an làr, bithidh mis’ air mo dhìteadh gu peanas sìorruidh; gu h-iongantach cha do bhris a ghloinne. (Note.) Bha duine diadhaidh ann an Lochbhraoin; dh’iarradh air labhairt air a Cheist, agus comhar a thoirt air a mhuinntir a fhuair dearbhachd air an còir ann an Criosd: nuair a dh’eirich an duine, thubhairt e mar so; Rachainn o Lochbhraoin gu Lunainn air mo dhà ghlùin air son dearbhachd fhaighinn air mo chòir ann an Chriosd. Ah Rob (ars Mr Lachlainn) cha ruig thu leas a dhol gu iomall a choimh-thionail, tha e agad mar tha. Cha b’ann cosmhuil riù-san aig am bheil an dearbhachd air barr am méuran a bha Rob caomh. N.M.S.† Bu choir iongantas a bhi òirn ’nuair tha sinn a cluinntinn mu gràdh an Athar, agus mu ghràdh a Mhic, agus mu ghradh an Spiorad. O cho beag agus a tha sinn ga ghràdhachadh. Cha ’n ’e gràdh aignidhean nàdurrach tha’ an so; ach gràdh a tha air a dhòirteadh * D. Grant, Stornoway. † Norman Matheson, Shawbost. [TD 41] anns a’ chridhe leis an Spiorad Naomh. Tha gràdh Chriosd ga ar co-éigneachadh, gu toileach, gu bhi beò dha, agus air a shon; Agus far a bheil gràdh Chriosd tha gradh na ’m bràithrean. Bha duine caomh ’an Loch-Carran a dol gu Ordugh a bha gu bhi air fhrithealadh ’an àite ’bha fichead mìle air falbh; nuair a bha e aon mhìle o ’n bhaile chum an robh e ’dol, thàinig an fhìrinn so gu buadhach a dh’ionnsuidh inntinn. Uime sin ma bheir thu do thabhartas a chum na h-altarach agus gu ’n cuimhnich thu ’an sin gu bheil ni aig do bhràthair’ ad’ aghaidh, fàg do thabhartas ’an sin an làthair na h-altarach, agus déan rèite air tùs ri d’ bhràthair, agus an dèigh sin thig agus tabhair uat do thiodhlac. Agus ge’d bha an duine bacach phill e air ais faisg air fichead mìle agus bha pòg a ghràidh eadar e féin agus a bhràthair, agus an dèigh sin chaidh e dh’ionnsuidh an Ordugh gu suilbhir. J.M.B.* Bu choir dhuinn a bhi ga ar ceasnachadh féin, am bheil na comharan oirne. A bheil am fìor chreideamh, agus am fìor gràdh againn. Oir cha ’n fhàs iad ann an nàdur, ni ’s mò na dh’ fhàsas iad anns an diabhul. A’ mhuinntir a tha’ gràdhachadh Chriosd fhuair iad ’an toiseach eòlas slàinteil air pearsa Chriosd mar a bha e air fhoillseachadh anns an t-soisgeul. Theagaisg an Spiorad dhoibh ciod e peacadh? agus cò na créutairean a bha ann diubh féin, mar a bha iad ciontach ann an làthair Dhé. Cha bhiodh an léigh luachmhor dhoibh mur mothaicheadh iad an tinneas. Tha e air a dhearbhadh orra gu bheil an uile fhìreantachd mar luideig shalaich, gur h-ann a bha iad riamh a dol mu’n cuairt a’ cur suas am fìreantachd féin a cruinneachadh na h-uile luideig luideach a gheibheadh iad, obair mhaith, agus am meas ’tha orra anns an eaglais. Chaidh a dhearbhadh orra mur saoradh Dia iad o an cuid féin-fhìreantachd; gu m biodh iad féin, agus an obair air an tilgeadh anns an aon àite. Mheas mi iad (obair fhein ars Pòl) ’na ’n call air son Chriosd, seadh tha mi a meas gur aolach iad chum gu ’n cosnainn Criosd. Tha an Spiorad a foillseachaidh Chriosd do ’n anam a’ toirt dha creideamh, agus gràdh, a tha a nis ann am bith aig an aon àm, ach tha creideamh a’ dol air thoiseach. Tha iad ga fhaicinn mar an Dia-duine. Cha bhiodh aon eile freagarrach do shluagh an Tighearna. “Cò dh’ionnsuidh a théid sinn”, ars Peadar, “agad-sa tha briathran na beatha maireannaich.” * Rev. John Maclean, Back. [TD 42] Tha cuid ag ràdh gu bheil an creadeamh so a’ tighinn do ’n ionnsuidh gu furasta, bhiodh eagal orm gu’m falbhadh e cho furasta ’sa fhuair iad e. ’Se Spiorad Dhé tha ’g oibreachadh creidimh, agus air ball tha gràdh ga nochadh féin ann an tomhais bheag na mhòr. Feuch dh’ fhag sinne na h uile nithe, agus leann sinn thu. Tha gràdh Chriosd ga ar co-eigneachadh. Ghabh e an nàdur agus dh’fhuiling e air an son, thug a Ghràdh-san e gur ùir a bhàis. Chaidh gràdh Chriosd thar na h-uile h-eòlas tha an gràdh so a briseadh an cridhe, ged a bhiodh e cho cruaidh ri ailbhinn Tha iad so ga ghràdhachadh air a shon féin, agus air son a choimhneis. Tha an gràdh so a’ faighinn àit ’na n cridhe; nithe eil’ air an cur air falbh. Ge be ghràdhaicheas bean-phòsd, no clann, etc., o s mo cheann-sa cha’n airidh orm e; O (ars neach) tha sin ga m fhàgal-sa ro fhalamh de ghràdh, ach n ’m biodh tù air do ghairm gu fianuis a thoirt, bheireadh Spiorad an Tighearna cosg dhuit gu do beatha leigeadh sìos air a shon. Tha mi ’togail na cuise so gu sluagh an Tighearna, nach do bhòidich sibh. “Ormsa, a Dhé tha do bhòdean, ìocaidh mi cliù dhuit. Salm. 56, 12. O (ars neach eile) cho beag sa tha de gràdh agam dha, ma tha e idir ann. Chum as gu ’m biodh do ghràdh air a mheudachadh, chi thu e a’ tagradh air do shon, ann an Eoin. 17. Tha e tagradh air do shon shuas. Toradh air a ghràdh. Ma’s toigh leibh mise coimhidibh m’ àitheantan. Cha ’n ’eil an ghràdh so leth-bhreitheach; tha cuid, agus cha ’n ’eil spéis aca do chuid do na h-àitheantaibh Tha iad ro-throm-leo, ach cha ’n eil aca sin, ach ghràdh meallta. Cha ghabh mi nàire (ars an Salmaire), nuair a bheir mi Spéis do t-àitheantaibh gu leir. Cosmhuil ri Sacharius agus Elisabet, ag imeachd ann an uil’ àitheantaibh, agus òrduighibh an Tighearna gu neo-lochadh. Tha am fìor ghràdh cho farsuing ris an lagh, a briseadh a mach ann an deich méuraibh, air a sgrìobhadh air a chridhe. Tha iad ag iarraidh a bhi’ cosmhuil ris a Mhaighstir. O! a bhi naomh mar tha esan naomha. Is fuath leam smuaintean dìomhanach, do d’ reachd ach thug mi gràdh. Tha cuid eile ’s tha iad cho cleachdta ris an olc; mar ’tha cù a ghobhainn cha ’n ’eil eagal na fiamh air, tha e cleachdta ris na sradaibh, toillichte leo féin. Tha e mar thoradh air a ghràdh so, Och an duine truagh tha mi ann, a bhi aig an anam, an am fìrinn. Cha ’n ’e mhàin gràdh do na bràithribh, ach mar an céudna [TD 43] gràdh do ’ur naimhdibh, oir chuir e sin annta: nuair a bha na clachan a tighinn a nuas air ceann Stephain mar chlachan-meallain, bha e air a ghlùinibh ag urnuigh air son a naimhdean. Tha cràdh spiorad aig a mhuinntir so nuair tha an t-aobhar iosal; nuair tha na h-eucoraich a’ deanamh fòirneirt air sluagh an Tighearna, agus air ’aobhar. Tha iad a deanamh aoibhneis ’nuair a tha an t-aobhar a’ soirbheachadh. Gabh misneach, ma choisinn an gràdh so do chridhe thoir fianuis air a ghràdh. Math a dh’ fheudta, gu ’n séid e ort aig a’ Bhòrd, agus gu m bi an àite dhuit na Bhétel. Feòraich dheth c’àit am bheil e gabhail comhnuidh. Tha e aig do dhorus a’ bualadh, iarr air do dhorus a bbriseadh. O! tha mo chridhe cho cruaidh, cha n’ fhios dhomh ciod a n mi? tagair a ghealladh; “Timchioll-ghearraidh mise do chridhe chum gu n gràdhaich thu an Tighearna do Dhia.” [TD 44] CAIB. VII (Là na Ceist, Aig àm Communnachaidh, an Sgire Luirg, 5mh là de mhios deireadh an t-samh-raidh, 1878) AIR do ’n t-seirbhis a bhi air a fosgladh anns an dòigh ghnàthaichte dh’ iarradh air aon de na bràithrean earrann de n fhìrinn a thoirt a mach mar bhonn ceiste. Tha na brithran a thughadh a mach anns ’n treas cabdeil de ’n t-soisgeul a réir Eoin, rànn 36mh. “An tì a chreideas anns a Mhac tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach ’eil a creidsinn anns a Mhac cha ’n fhaic a beatha, ach tha fearg Dhé a’ gabhail còmhnuidh air. Bha comharan, agus toraidhean a’n t-fhior-chreidimh air an iarraidh: eadar-dhealaichte o iomadh coslas, ach nach b e ’m fior-chreideamh. An déigh beagan fhocal a bhi air an labhairt, an rathad a bhi fosgladh na ceiste, dh éirich D.M. (Melness) a thubhairt mar a leanas. An neach aig a bheil am “Mac,” tha mor shaoibhreas aige. Tha na h-uile nithe aige: Dia mar a chuibhrionn, agus còir anns na h-uile nithibh a rinn, agus a dh’ fhuiling am Fear-saoraidh beannaichte tre lìnntibh na bith-bhuaintachd. Ach air an làimh eile; an tì aig nach ’eil am “Mac” tha fearg, agus malachd Dhé, a gabhail còmhnuidh air, agus air gach ni a ta aige. Tha nàdur a chreidimh shlàinteil, agus a thoraidhean air an cur ’an céill leis an abstol anns an aonamh caibdeil deug de n litir a chum nan Eeabhruidheach, far a bheil e’ deanamh iomraidh air an dream a fhuair deadh theisteas tre ’n “chreidimh”. Iadsan aig a bheil an ‘Creideamh’ so, tha a Spiorad aca mar Ughdar a chreidimh, oir mur ’eil Spiorad Chriosd aig neach cha bhuin e dha. Tre chleachdadh a “chreidimh” air Criosd, tha iad air m fìreanachadh, agus sìth aca ri Dia trì-san. [TD 45] Tha an “creideamh” so a’ coinneachadh ri deuchainnibh; feudaidh cuid a ràdh, nach do thachair deuchinn a riamh ri n’ creideamh, ach cha n ann mar sin a tha e do shluuagh an Tighearna. Thachair deuchainnen ri creidimh Abrahaim, mar a thachras riu-san, agus mur dean an Tighearna fuasgladh orra, cha dean neach eile, ni mò tha sùil aca ris. Tha an “creideamh” sa, air a chumail suas le Dia féin, oir mur biodh, cha burrainn e cleachdadh. Bitheadh e cho furasta gainmheach theth a chumail ann ’ur làmhaibh, sa biodh e leo-san an “creideamh” a chleachdadh ni b’ fhaide, na bha n Tighearna ga n deanamh comasach air sin a dheanamh. Tha mòran de thoraidhean luachmhor air a chreidimh so, ach cha bhi mi (ars’ am fear-labhairt) ga r cumail ni s fhaide. M.M. (Asainn)* Cha robh riamh barrachd féum air spiorda rànnsachaidh, chum dealachadh a chur eadar am fìor-chreideamh, agus mòran a tha dol fo ’n ainm, air feadh Alba anns n làithibh so. Tha mòran a sealltainn ri obair Chriosd, mar seasamh air son dhaoine a mhàin, ach cha ’n ’eil guth aca mar a tha i seasamh a thaobh Dhé. Tha iad a sealltuinn ri ’n tearuinteachd féin; ach cha ’n ’eil focal ac’ mu ghlòir Dhé. Ach tha ’fìor-chreidimh de ghné eile: tha e ag amharc ri obair Chriosd, mar ’an dàimh ri ghlòir Dhé. Chunnaic am fìor-chreideach, Gràdh Dhé a faighinn clais gu sruthadh a mach a dh’ ionnsuidh a pheacaich tre dhòirteadh a mach fheirg air an Urras. A rìs bha glòir Dhé na ’n amharc; ni à ’s éugmhais na m biodh iad, bhiodh an slàinte féin mar neo-ni dhoibh. Tha Criosd aig an creidimh mar a’ chuspair, ach cha do stad e an sin, ach chaidh e stigh troimhe, mar an t-slighe gu Dia an t-Athair. A. M. (Dornoch). Tha an duine dall anns an 9mh caibdeil de shoisgeul Eoin, ris an thubhairt Criosd, “Am bheil thu creidsinn ann am Mac Dhé;” a nochdadh gu bheil Criosd ga fhoillseachadh féin do ’n mhuinntir a tha da rìreadh a creidsinn ann. Tha an creideamh so a tarruing a mach à tobraichibh na slàinte. Bheir e nuas an anam; a toirt na glòire do Dhia. Cha ’n ann duinne, ch ’n ann dhuinne, ach do ’d ainm féin biodh a ghlòir. ’Se toradh bàs Chriosd a tha ann sa chreideamh so. Tha beatha ann, do bhrigh gu ’n * M.M. — Unidentified. [TD 46] d thàinig e nuas o Thobair na beatha. Tha lànachd naomh, gràdh, agus iongantas ann. Tha e’ tarruing an anma uaithe féin, gu Criosd. Bheir e neart do ’n anmhuinn. Tha sinn a léughadh mu chuid a dh’ fhàs tréun ann an cath, a chuir air theicheadh armailte nan comheach, tre n chreidimh so. An creideamh nach cuir féum air Criosd, agus esan air a chéusadh, ann an teachd am fagus do Dhia aig na h-uile ’àm, cha n fhior-chreideamh e. M. M. (Roghart). Chaidh cuid tre ìompachadh mòr o chionn fhichead bliadhna, ach cha do chuir iad féum air ni sam bith o n uair sin: ach cha ne sin ìompachadh sluaigh an Tighearna. Tha an “creidemh” so gu minic, air a leanmhuinn le ioma-cheistibh, agus eagalaibh. Bha e mar sin ’an cùis Abrahaim, a bha uairean fuidh eagal ’nuair a thubhairt e: “A Thighearna Dhé ciod a bheir thu dhomhsa, is mi ’g imeachd gun chloinn, agus gur e Eliéser so o Dhamascus fear-riaghlaidh mo thighe.” Tha an “creideamh” so a cur féum air e bhi air ùrachadh o néimh. Nuair a bhriseas gràdh Chriosd stigh, agus a dh’fhosglas lotan Chriosd suas, gheibh e beatha agus neart, gus am faic e n Righ na ’mhaise, agus an Tir a tha cian fad as. W. M. (Craoich). A mhuinntir a tha cùramach mu ’n mhàl a phàigheadh, cha n fhanadh iad gun rànnsachadh a dheanamh air a shon mu n tigeadh an là: mar sin iadsan aig a bheil an “creideamh so;” cha chuir iad air falbh nithe na Siorruidheachd gu leabaidh-bàis. Tha iad so ag iarraidh feum a deanamh do na cothroman luachmhor, a tha air am buileachadh orra nis, agus gu bhi air an ullachadh air son là a chunntais. An dream a fhuair an “creideamh” so tha teagamhan, agus eagalan ga leantuinn; Thubhairt neach, tha mi cho cìnnteach gu bheil mi ann an Criosd ’sa tha Beinn a’ Bhragie ’na seasamh an sud, ach tha eagal orm, ged a tha aon chas a stigh, gu n tarruing a chas a tha muigh a mach mi ’an déigh na h-uile ni. Tha spéis aig a “chreideamh” so do uile àitheantaibh Dhé. Tha àitheantan Dhé air am briseadh air feadh na duthcha, gu h-àraidh briseadh Sàbaid. Nam b’ aithne dhuinn an Dia ri ’bheil again ri dheanamh, rachamaid an aghaidh claidheimh rùisgte, roimh aon de àitheantan Dhé a bhriseadh. [TD 47] Iadsan aig am bheil an “creideamh” so, tha iad ag iarraidh an déigh naomhachd, thubhairt aon, cha n ann an cabhaig air son a dhol do neamh ’tha mi, ach an cabhaig air son a bhi naomh. A. B. (Craoich). Labhair e mar tha céuman an Gairm-eifeachdaich, ach gu h-àraidh an céum mu dheireadh (“g ar deanamh deònach, agus comasach air Iosa Criosd a dhlùth-ghabhail thugainn mar a tha e air a thairgseadh dhuinn gu saor anns an t-soisgeul”) a’ cur solus air nàdur a chreidimh so. D. S. (Roghart). Tha briathran na ceist ’dealachadh an t-saoghail na ’n dà bhuighinn, agus an duais ’an cois gach buidhinn. Tha féum air an Spiorad agus an “creideamh” oibreachadh, oir cha ’n fhàs e ’an gàradh nàduir. ’Se obair Spioraid Dhé a t-ann. “Bheir esan glòir dhomh-sa, oir gheibh e de m’ chuid-sa, agus nochdaidh e dhuibh-se e,” dh’ fhoillsich e Criosd dhoibh, agus rinn e comasach iad air foisneachach air, air son slàinte. A. M. (Roghart). Bithidh seorsa creidimh aig na h-uile, gus am mill Dia orra e, bithidh e ’na iodhal aca gu ’n cumail o amharc ri Criosd. Cha ’n ’eil an duine nàdurra ged ’bhiodh aige uile ghliocas an t-saoghail so: cha ’n eil e ach ’na amadan a thaobh nithe Dhé agus na siorruidheachd, gus an tig Dia a dheanamh gnothuch ris. Ciod e creideamh’ an Iosa Criosd? ’An so tha n anam a faighinn sealladh de Chriosd. Tha Spiorad an Tighearna ag aonadh an anam ann an rathad diomhair, agus ga thabhairt beò; ’an sin tha an t-anam beò a’ faicinn Chriosd: Tha e an sin a gabhail ris agus ga shocrachadh féin air-san ’na aonar air son slàinte. Tha Criosd priseil dhoibh-san aig am bheil an “creadeamh” so. Tha iad beò trìd à “chreidimh” so. Tha e cosmhuil ri columan Noah ’a dol a dh’ ionnsuidh na h-Airc’, a dh’ ionnsuidh gràidh Dhé an Athar anns a Mhac. Tha gràdh aca do na h-uile neach so. Tha e cosmhuil ri columan Noah ’a dol a dh’ ionnsuidh na h-Airc’, a dh’ ionnsuidh gràidh Dhé an Athar anns a Mhac. Tha gràdh aca do na h-uile neach a tha giùlan ìomhaigh, ge b’e air bith cho bochd sa tha iad san t-saoghal. Tha iad a gràdhachadh fhianuisean a tha ’seasamh air taobh an aobhair gu dìleas. Tha spéis aca do ’n fhirinn. Tha iad a deanamh bròin ’nuair a tha na fianuisean air an toirt air falbh, agus gun neach ag éiridh suas ’na n àite. Tha iad na ’n [TD 48] sluagh a tha ag urnuigh, ’se Criosd am beatha; agus ’sann d’a ionnsuidh a thig iad le ’n gearan. Agus ma dheireadh, iadsan a fhuair an “creideamh” so, ’se an iarrtus gu m faigheadh muinntir eil’ e. M. M. (Dornoch). Cha ’n ’e aontachadh lòm ri focal an Tighearn’ a tha anns a “chreidimh” so. Tha cuid aig nach ’eil ach sin a mhàin. Cleachdaidh iad sin e nuair thogras iad féin: ach tha e de ghné eil’ ann an sluagh an Tighearna: ’Sann a mhàin mar a bha iad air an deanamh comasach leis an Spiorad a b’ urrainn iad creadeamh a chleachdadh. J. G. (Kinlochbervie). Dh’ fheudtadh mòran a labhairt air a “chreideamh” so. Tha cuid, aig nach robh e riamh, agus tha so a cur cuid aig am bheil e, gu minic air an druim; a chionn na tha iad a faighinn annta féin, tha iad a mothachadh, na m biodh iad san fo chumhachd oibreachaidh an Spioraid air an anmaibh, nach biodh an gnothuch mar a tha e maille riu. Cha ’n ’eil anns an t-saoghal a ’s teagamhaiche na iad so, gu bheil an “creideamh fìor” aca. Cha ’n ’eil an tearuinteachd a’ co-sheasamh anns ciod dh’ fhairich, no tha iad a mothachadh, ach, O! ann an neo-chaochlaideachd Chriosd, agus ’se sin a tha gu maith air an son-san. Bha iad air an aonadh ris a’ Cheann, mar na géuga ris an stoc; o ’n àm sin, bha beatha an anma tighinn o ’n Fhionain fhìor. Chaidh sealbh a ghabhail air uile chomasaibh an anma, anns an là ’san robh iad tre chreidimh air an aonadh ris a’ Cheann. A’ CHRIOCH