[C 1] [Dealbh] [C 2] [Blank] [C 3] POEMS J. CAMPBELL [DA 1] POEMS. BY JOHN CAMPBELL, LEDAIG. EDINBURGH: MACLACHLAN AND STEWART. 1884. [DA 2] ABERDEEN UNIVERSITY PRESS. [DA 3] PREFACE. THESE pieces were written in the intervals of my ordinary avocations, without any ulterior view to publication. Some of them have already appeared as fugitive contributions to the periodical press. They are now for the first time collected and dedicated to all lovers of the land and the language of the Gael. LEDAIG, 1884. [DA 4] [Blank] [DA 5] CONTENTS. PAGE To Professor Blackie, 1 An Gaidheal ra Dhùthaich ’s ra Dhaoine, 2 Translation by Professor Blackie, 4 Bruthaichean na Ledaig, 6 An Gaidheal a fàgail a dhuthcha, 9 An Gaidheal an tir chéin a moladh tir a dhùthchais, 12 Translation by Professor Blackie, 14 An Gaidheal a tilleadh ga dhùthaich a tir chéin, 17 Taobh no théin fhéin, 19 Cuimhneachadh air na laithean san robh mi an sgoil na Ledaig, 20 To Mrs. Hosack, 22 Translation, 24 Maighdean Loch-nan-Eala, 26 Saighdear Gaidhealach, 28 A mother bewailing the loss of her daughter, 31 Lines on the death of an only son, 35 Written on the death of a sister and her two children, as if by her husband, 36 A Mhairi ghaoil, 38 Na companaich, 40 Do’m dhachaidh, 41 Mo roghuinn companaich, 43 An caraid bu mhaith leam, 44 [DA 6] PAGE Rann air son clach-chìnn, 44 Toimhseagan, 45 Lines written in a young lady’s Album, 46 To an Oban friend, 46 Lines to Dr. M‘Kelvie on his leaving Appin, 48 Lines to J. C. M‘Niven, Esq., Manchester, 50 Gille mo luaidh, 51 Translation, 52 Fàilte a Ghaidhail do’n bhan phriunsa. 54 To Lord Colin Campbell, 55 Rannan an leithsgéul na bardachd, 56 Fear tha toilichte le staid, 58 Cailleachan na’n cuirm ’s na céillidh, 59 Bean ra fear tha ’san tigh-osda 62 Oran, 64 Oran, 65 Oran gaoil, 67 Do Mhairearad, 68 Oran gaoil, 70 Do dhuin’ og a mheall nighinn, 71 An gille ruadh, 73 Theid mi gad’amharc, 74 Oran gaoil, 76 Oran gaoil, 78 Dealachadh ri cairdean, 79 Tuireadh seann fhleasgach, 81 Cor seann fhleasgach, a chompanach ’ga fhreagairt, 83 Tuireadh seann mhaighdean, 85 A ban-chompanach ’ga freagairt, 87 Rannan air cluinntinn mu phosadh caraid, 88 Do’n ghaol, 91 To the Members of the Oban Mutual Improvement Society, 92 Ditto, 93 Ditto, 95 Rannan dhoibhsan d’am freagair iad, 97 [DA 7] PAGE Rannan air note pund Sassanach, 98 Na laithean a dh’fhalbh, 101 Am post, 103 Translation by Professor Blackie, 105 Do’n neoinean, 108 Bardic Salutations, 109 “Farewell to Lochaber”—translation, 112 “Ilka blade o’ grass”—translation, 113 “Starless crown”—translation, 115 Inscription for an Organ, 118 [DA 8] [Blank] [TD 1] POEMS. TO PROFESSOR BLACKIE. A CHARAID nan Gaidheal ’s na Gailig: Cha ghabh e a’n dàn dhomh chuir sios, An taing tha fadadh ar gràdh dhuit, Mar thog thu ar cànain a nios: Si chainnt i a rannsach ’nan cùiltean Tha duinte sa chridhe again shios— A chainnt thig le cumhachd ’s le dùrachd, Nuair bhrùchdas i soillear a nios. ’S nuair bha a chuid mhòr a toirt fuath dhi’, ’S ga fuadadh gu luath as an tìr; Thainig thusa mar churaidh thoirt fuasgladh, ’S don uaigh cha leig thu i sios. ’S a chlannaibh mo dhucha ’s mo shluaighse, ’S gach neach thainig uap’ anns gach tìr; Seasaibh an t-Ollamh ’s an uair so, ’S na fuaraicheadh neach anns an strì. ’S nuair theid cathir don Gailig a shochrach, Taobh ri taobh ris an Eabhra ’s a Ghréig’; Bithidh cùimhn’ air an Ollamh Mac Dhubhaich, Le urram ’s gach linn thig nar déigh. [TD 2] AN GAIDHEAL RA DHUTHAICH ’S RA DHAOINE. IS toigh leam a Ghaidhealtachd ’s toigh leam gach gleann, Gach eas agus coire an duthaich nam beann, Is toigh leam-sa gillean’ an fheileadh ghlan ùr, Is bonaid Ghlinn Garra, mu ’n camagan dlù. Is toigh leam nan deise iad, bho mhullach gu bonn, Am breacan, an t’ osan, an sporan, ’s an lann, Is boidheach iad sgeadaicht’ an eidedh an tìr, Ach ’s suarach an deise seach seasmhachd an cri’. Sheas iad an duthaich ’s gach cuis agus càs, Duais bhrathaidh cha ghabhadh ged chuirt’ iad gu bàs Ged sharuicht’ an spiorad, sa leagadh an céann, Bha ’n cridhe co daingean ri carraig na ’m beann. Is toigh leam na h-igheanan; b’ ainneamh an t’ àm Nach bithinn n’ an cuideachd nuair gheibhinn bhi ann; ’S na ’m faighinse te ann an duthaich mo chrì, Gun siubhlinn-sa leatha gu iomall gach tìr. ’S toigh leam a Ghailig, a bardachd ’s a ceol. ’S tric thog i nios sinn nuair bhiodhmaid fo leon; ’S i dhionnsaich sinn tra ann laithean ar ’n òig, ’S nach fàg sinn gu bràth gu ’s an luidh sinn fo ’n fhoid. [TD 3] ’S toigh leam na cleachdaidhean ceanalt’ a bh’ ann, Na biodh iad air dhichuimhn’ nis aig an cloinn,— An caoimhneas, an cairdeas, am bàigh is an t’eud, Thug cliu dhoibh ’s gach duthaich fo chuairtean nan speur. Nis tha duthaich ar gaoil dol fuidh chaoraich ’s fo fhéidh, ’S sinn g’ar fuadach thar saile mar bharlach gun fheum; Ach thigeadh an cruaidh-chas co sheasas an stoirm, O co, ach na balaich le ’m bonnaidean gorm! Co sheas ris an Fhraing ann an àm Waterloo, An Alma chuir Russia leagtadh san uir, Co anns na h-Innsean thug saorsa do ’n t-sluagh? O co ach na Gaidheil, bho dhuthaich na ’m buadh! Canar an gaisge san domhain mu ’n cuairt, Air sgiathaibh nan gaoithean ga sgaoileadh thar chuan, Is fhad ’s a bhios rioghachd na seasadh air fonn, Bithidh euchdean ar sinsear gu dìlin air chuimhn’. ’S ma ruisgear an claidheamh a rithist gu strì, Ged ’s ainneamh ar cuideachd bithidh trusadh ’n ar tìr, Bithidh clanna nan Gaidheal ri aghaidh gach càs, ’S iad guala’ ri gualaibh gu buaidh no gu bàs. [TD 4] TRANSLATION BY PROFESSOR BLACKIE. TO THE EDITOR OF THE “INVERNESS COURIER”. SIR,—I send you a translation which I have made of a Gaelic song, made by one of our native poets in this neighbourhood, in praise of the Highlands and the Highlanders. I need not say that I heartily concur in the sentiments expressed in the verses, otherwise I should certainly not have taken the trouble to clothe them in an English dress. Allow me, only incidentally, to remark that, so far as my observation has gone, the singing of Gaelic songs by no means receives that encouragement which it deserves in our Highland schools. The lyrical region of expression is one in which the Highlanders stand pre-eminent; and to neglect it is to ignore the most favourable soil and atmosphere for the bringing out of what is best in the character of the Celtic inhabitants of Scotland. If I had any influence in prescribing the course of study most necessary for all elementary Highland schools, I would place in the front two things—(1) The daily rendering of the Gaelic Scriptures into English, and back again into Gaelic; (2) The daily singing of Gaelic melodies, both sacred in the hymns of the Church, and secular in the best lyrical compositions of patriotic and picturesque Highland poetry of which Gaelic literature, from “The Old Bard’s Wish,” down to my friend John Campbell of Ledaig, and Mary Mackellar, and a legion of others, possesses an extraordinary wealth. And if, as a matter of fact, these two things are not made prominent in the educational routine of our Highland schools, it can be attributed only to the unfortunate circumstance that these schools are regulated by persons who have no practical knowledge of, or living sympathy with, the language, traditions, sentiments, feelings, and moral wants of the persons for whom they are called upon to legislate. —I have the honour to be, yours, &c., JOHN STUART BLACKIE. Altnacraig, Oban, 29th June. THE GAEL, TO HIS COUNTRY AND HIS COUNTRYMEN: A SONG. MY heart’s in the Highlands, I love every glen, Every corrie and crag in the land of the Ben, [TD 5] Each brave kilted laddie, stout-hearted and true, With rich curly locks ’neath his bonnet of blue. A brave Highland boy, when light-footed he goes, With plaid, and with kilt, dirk, sporan, and hose; O, who will compare with my Highlander then, When he comes fresh and fair like a breeze from the Ben! When foemen were banded to spoil and annoy, Who then fronted death like my brave Highland boy? For his cause and his country, in battle’s rude shock, When kingdoms were reeling, he stood like a rock. And the dear Highland lasses, bad luck to the day, When I look in their faces and wish them away; I’ll cross the wide seas to the far coral isles, With Mary to lighten the road with her smiles. And the songs of the Gael on their pinions of fire, How oft have they lifted my heart from the mire; On the lap of my mother I lisped them to God; Let them float round my grave, when I sleep ’neath the sod. And dear to my heart are the chivalrous ways, And the kindly regards of the old Highland days, When the worth of the chief, and the strength of the clan, Brought glory and gain to the brave Highlandman. But now with mere sheep they have peopled the brae, And flung the brave clansmen like rubbish away; [TD 6] But should foes we have vanquished the struggle renew, They’ll sigh for the boys with the bonnets of blue! At Alma’s red steep, and at red Waterloo, The Gael still was first where hot work was to do! And when Ganga and Tumna revolted, who then Were more loyal and true than the sons of the Ben? Where the East and the West by broad billows are bounded, The Gael shall be known and his fame shall be sounded; While thrones shall have honour, and right shall prevail, Long ages shall echo the praise of the Gael. And when need comes again for the law of the sword, Though few now the clansmen that follow their lord, The brave kilted boys for defence will be nigh, And shoulder to shoulder will conquer or die! BRUTHAICHEAN NA LEDAIG. Air a sgriobhadh aig àm dealachadh ri bràthair a chaidh do na h-Innsean far an do chaochail e aig aois seachd bliathna fichead. IS mise an duigh tha muladach ’S mo chridhe bh’ uam ga fhàsg, A dol gu duthaich aineolach ’S a fàgail srath an àigh. [TD 7] Ach taobh no taobh gu ’n tionndaidh mi Troimh chruaidh-chas beath’ no bàs, Se beanntean donn na Gaidhealtachd A fhuair mo chridhe trà. ’S mo bheannachd leis na bruthaichean, A dfhàg mi ’n duigh a’m dhéigh An Ledaig ’s i mo roghainse A dh’ aon ait’ tha fo’n ghrèin. Bu tric a’ sin a shiubhail mi Is ’m inntin mar a ghaoth, Bu tric a’ sin a choinnich mi Ri comunn caomh mo ghaoil. An sin tha craobh nan sgeachagan, Mar chobhar geal, fo bhlàth, ’S an fhraoch le ghucaig bhadanach Cuir rughadh dearg ’s gach àit. ’S an aird ri taobh n’ an alltan, Tha ’n calltuinn cuir a sgàil, Is tric chuir tìm air chall oirnn, Le mhoguill bhuidhe-bhàn. ’S ged ’s corrach ard na creagan ud, Do ’n fhear a theid an ròd, Gach clach is crann co-fhreagairt tha Le sonas laithean m’ oig’; [TD 8] ’S an robh me fein ’smo chompanaich Gun neul a sin n’ ar spèur, Ca ’n duigh am bheil na companaich?— Is fhad gach aon o chèil. Tha cuid na ’n dachāidh uaigneach, Fo leachdidh fuar na ’m marbh, Cuid eile anns na h-Innsean, ’S an tìrean fad air falbh. ’S is beag a chuid do ’n chròilean ud Tha ’n duigh a choir a chèil, Bha sunndach eutrom comhla ruim ’S an tìm a dh’fhag mi ’m dheigh. Bu shona, O bu shona dhuinn Na laithean sin a dh’ fhalbh, Oir dochas meallt’ an t-saoighail so, Cha d’fhairich sinn bhi searbh; ’S a nis dol thar a Chonail ’S a fàgail tìr mo ghraìdh, Ach bruthaichean na Ledaige, Cha dichuimhnich gu bràth. [TD 9] AN GAIDHEAL A FAGAIL A DHUTHCHA. FONN—“Bruthaichean Ghleinn-braoin”. SEISD. SE comunn mo rùinse Tha mise a ’g iondrainn, Bho ’n dh’fhag mi mo dhùthaich, ’S gun dlùth do m’ luchd gaoil. ’S ’nuair shuidh’ mi ’sa bhàta, Am feasgar a dh’fhag mi; Mo chridhe bha cràiteach, ’S mi ’g amharc gach taobh. Gabhail cead do mo chairdean, Air cladach na tràighe; Fhir riamh nach d’fhag t-aite, Na abair gur faoin. Gabhail cead do mo dhùthaich, Le a beanntean àrd ruisgte,— A gleanntan glas, urair, ’Sa bruthaichean fraoich. A ledain bheag, bhoidheach, Gach cnoc agus comhnard, Gach monadh is mòinteach Gach lòn agus raòn. [TD 10] ’Sa nùll thar a chuan ud; Gach latha ’s gach uair deth Bu tric ann am smuaintean Mo ghrùagach dhonn chaoin. ’S ’nuair thig là na Sàbaid, ’S luchd m’eòlais ’sa phailliun, Cha bhi mi sin laimh riu, Is cach ann mar aon. Ach O, ’se mo dhùrachd, Mo ghuidhe, is m’ùrnuigh, Gu ’n till mi ri ùine, Gu m’ dhùthaich ’s gu m’ dhaoin’. ’S gu’m faic mi an Leadaig, Le monadh ’s le deisir, ’S Dun-bhail-an-righ chreágaich, A’ faire a chaoil. ’S gu’n cluinn mi a Ghailig ’S an tir a rinn m’ àrach, Mo roghainn gu bràth i, Do chanain an t-saoigh’l. ’S am fairich mi ’n t-aoibhneas, Tha ’n tìr ud a chaoimhneis, Gach aon tighinn ga’m’ fhoighneachd, ’S iad soillseach le aòidh. [TD 11] ’S cha ’n fhaic thu gu bràth e, ’N aon aite g’ an tàmh thu, Am failte bheir Gaidheal, Cho blàth is cho saor. ’S ged ’s deireadh, cha dì-chuimhn, An coinneamh bhios prìseil, ’Nuair gheibh mi mo nìonag, ’S i nios leam ri’m thaobh. A sùil mheall mo chridhe bh’uam, ’S i dónn mar an fhion-dhearc Cho blàth is cho mìogach, Fuidh a mìn-mhala chaol. Is mholainn a buaidhean— Ard-inntinneach, uasal, Lan faicill na gluasad, I suairc, agus caomh. ’Sa briathran tha ’m chuimhne, An ciaradh na h-oidche; Gun aon neach ’gar cluinntinn; A’m fasgadh na’n craobh. ’Sa nis, gus an tìll mi, Mo bheannachd gu dìlinn Leatha fein is le’m dhìlsean, ’S comunn dìleas mo ghaoil. [TD 12] AN GAIDHEAL AN TIR CHEIN A’ MOLADH TIR A DHUTHCHAIS. AIR FONN—“Guidheam slainte do’n ribhinn mhalda”. IS tric mi cuimhneach air tìr mo dhùthchais, Air tìr nam beanntan ’s nan gleanntan ùrar; Air tìr nan sgàrnaichan àrda, ruisgte, Nan creagan corrach, ’s ’nan lochan dùghorm. Air struthain chaisleach nan caran lùbach, Ri mire ’s gleadhraich feadh bhac a’s stùchdan; No ’ruith gu sàmhach ’sa’ ghleannan chiùin ud, ’S an doire challtuinn gu teann ’g an dùnadh. An eidheann dhuallach mar sgàil-bhrat uaine, ’S a’ gheamhradh ’s fuaire fo shnuadh a’ fàs, ’S i’ dion le ’sgiathan nan àrd-chreag liath ud, Mar gu ’m b’e h-iarrtus an cumail blàth. An tonn ri crònan air cladach còmhnard, Le morbhan bòidheach ’toirt ceòl gu réidh; No ’g éirigh suas dhuinn le toirm an uamhais, ’S an cath na chuartaig ’g sguab’ do’n speur. Sud tìr a’ chàirdeis ’s an d’ fhuair mi m’ àrach, ’Sa bheil a’ Ghàidhlig is àillidh fonn, [TD 13] ’Si thogadh m’ inntinn ’nuair bhithinn tursach, ’Sa dh’ fhàgadh sunndach mo chridhe trom. Is tric a thionndaidh mi air mo chul’aobh, ’Nuair chluinnin dlùth i air sraid nan Gall; Mo chridhe dh’ eireadh mar aiteal gréine, ’Thoirt sùil am dhèigh a dh’ fheuch cò bhiodh ann. Is ged a shealladh na Goill a’ sios oirnn, ’Nuair bhiodhmaid dìreach o thir nam beann; Fuidh ’n chairt is suaraiche ’s tric a fhuaras, Am fiodh is luachmhor’ am measg nan crann. ’S i sud an dùthaich a thog na fiùrain, Bha gaisgeil, cliùteach, bha iùlmhor, treun, A sheasadh laidir a dhìon gach càs leinn, ’S gu bràth nach d’fhailnich an là an fheum. Tha ’n gaisgeadh ainmeil, is tric a dhearbht’ e, Air tìr ’s air fairge, an cath ’s an strìth; B’ iad luchd an fhéilidh gu bràth nach géilleadh, Fhad ’s ruitheadh deur de fhuil réidh n’ an crìdh’. ’S i’n fhìor fhuil uasal o thìr n’an fuar-bheann, A bhiodh ’s a’ gruagaich d’an tugainn spéis; Tè bhruidhneadh blàth rium ’s a’ chànain àluinn Bu ro mhath thàthadh ar gradh r’ a cheil’. ’S a chaoidh cha chaochail an tlus tha’m thaobhsa Do m’ thir, ’s do m’ dhaoine, a b’ aobhach leam; [TD 14] ’S cha leig air dichuimhn’ gach comhairl’ phrìseil, Thug teachdair dìleas na firinn dhuinn. A’s ged a ruiginn-sa cùl nan Innsean, ’S gach eilean rìomhach ’s na tìrean thall; Is ann am dhùthaich a ghuidhinn m’ ùir bhi, ’N uair bhiodh mo shùillean ga’n dùnadh teann. ’S mo chead ’s an uair so do thìr nam buagh ud ’S mo bheannachd buan leis an t-sluagh tha ànn ’S an cliù a fhuair sinn o linn ar sinnsir, Gu ceann ar crìche nach dealaich ruinn. TRANSLATION BY PROFESSOR BLACKIE. THE GAEL IN A FOREIGN LAND. DEAR land of my fathers, my home in the Highlands, ’Tis oft that I think on thy bonnie green glens, Thy far-gleaming lochs, and thy sheer-sided corries, Thy dark frowning cliffs, and thy glory of Bens! Thy wild-sweeping torrents, with bound and with bicker That toss their white manes down the steep rocky brae, Thy burnies that, babbling o’er beds of the granite, Through thick copse of hazel are wimpling their way. [TD 15] Thy close-clinging ivy, with fresh shining leafage, That blooms through the winter and smiles at the storm, And spreads its green arms o’er the hoary old castle, To bind its grey ruin and keep its heart warm. The sweet-sounding plash of thy light-rippling billows, As they beat on the sand where the white pebbles lie, And their thundering war when, with whirling commotion, They lift their white crests in grim face of the sky. The land I was born in, the land I was bred in, Where soft-sounding Gaelic falls sweet on the ear; Dear Gaelic, whose accents take sharpness from sorrow, And fill me despairing, with words of good cheer. ’Twas oft I looked backward, and wistfully turned me; When my travel-worn foot to the Lowlands was near; Like a glimpse of the sun through the dark cloud out-peeping Was the land of my love which I left with a tear. What though from the hills, when we first know the Lowlands, The Lowlander greets us with sneer and with jest; Oft times when the bark is the roughest and hardest The pith is the soundest, the wood is the best! [TD 16] O this is the country that bore the brave fellows, High-hearted in purpose, heroic in deed, Who stood like a rampart from danger to shield us, Whose help never failed in the hour of our need. O these were the stout ones whose mettle was tested On red field of battle and fierce swelling flood, Still forward to strike and still slow to surrender, Till they shed from their veins the last drop of their blood. O these are true gentlemen, breed of the mountains, Whom all bonnie lassies will meet with a smile, And welcome them home with a voice of endearment, That sweetens their sorrows, and lightens their toil! Seasons may roll, but no Time shall divorce me From the land and the people, the light of mine eyes; And memory never shall drop from her quiver The words I take with me from lips of the wise. And though I should wander far west to the Indies, Where the green isles uprise from the clear coral bed, Be my rest ’neath a sod in the land of the heather, And a cairn of grey granite be piled on my head! [TD 17] My blessing be with you, brave land and brave people! In the bright roll of story is blazoned your name; And may the fair fame of our forefathers never Be blurred with dishonour, or blotted with shame. JOHN S. BLACKIE. OBAN, 25th September, 1880. AN’ GAIDHEAL A TILLEADH GA DHUTHAICH A TIR CHEIN. FONN:—“Guidheam Slaihte don ribhinn mhalda”. O’S iomadh bliadhna tha nis air iadhadh, Mo cheann air liathadh ’s mo chiabhag bàn, Bho ’n luidh mo shuils’ ort a, thìr mo dhuthchais, Is cead ghabh le dùrachd do shráth an àigh. Na creagan àrd, is gach cnocan àluinn, Tha mar a d’fhàg mi iad air am bònn; Ach luchd mo ghràidhse a chuireadh fàilt orm, Cha’ neil an àireamh a nis ach gànn. ’Nam fàrdaich fhialaidh bha tlus is biàdh ànn, Do ’n choigreach chianail le thuras sgìth; ’Se féidh is caorich tha ’n duigh ra fhàotinn, Is luchd mo ghàoilse ’s iad fad o’n tìr. [TD 18] Is O! gur fàsail a nis gach làrach, ’S an robh mo chàirdeanse uile cruinn; A chuid chaidh fhàgail le maoir ’s le bàrlinn, Gun d’thug am bàs iad gu àite taimh. Is iomadh àite ’s an robh mo thàmh-sa, Is iomadh duthaich ’s an robh mo chuairt, Ach mar a thearn’as a ghrian ’s an iarmailt, Mo chrì bha ’g iarraidh gu tìr mo shluaigh. Ciod am féum a tha nis dhomh ’m storas, No ciod an sòlas a geibh mi ànn; ’S an dream le ’n d’ shaoil mi a mhealltainn comhl’ riu, Och-òin mo leonadh, tha iad air chàll. O, cha ’neil dachaidh taobh bhos do ’n bhàs dhuinn, ’S is briste an càirdeas tha ’n taobh so ’n uaigh, Far an saoil sinn bheil sonas làmh ruinn, Se sin an t ’aite ’s an fhaide e bh’uainn. O Thusa chuidich ’s a chum a suas mi, ’S thug as gach cruaidh-chas ’s an robh mi ’n sàs, Lùb fein mo chridhe gu d’ ghradh-sa iarraidh; ’S tu n Caraid Siorrudh nach tréig gu bràth. [TD 19] TAOBH MO THEINE FEIN. AIR FONN—“Auld Lang Syne”. SEISD. ’SE taobh mo theine dhomhsa chlann,— ’Se taobh mo theine féin; Gu be sud àite blàth mo ghaoil, Aig taobh mo theine féin. ’Nuair thig mi dhachaidh anns an oidhch’, ’S mi fànn, is fliuch, is sgìth;— An saoghal cosmhuil ri bhi ’n gruaim, Co duaichnidh bidh gach nì— ’Sa chì mi’n solus tighinn gu’m shuil, Roimh ’n uinneag dhuint’, mar réult’, Gu’n tog mo chrìdhe suas le sunnd, Bhi dlù do’m theine féin. ’S n’ uair chì mi’n lasair dhearsach, dhearg, ’S gach àite sguabte grinn, Is fiamh a ghàir’ ’s gach aghaidh ghràidh ’S gach aon to’irt fàilte bhinn. O, cait bheil sonas cosmhuil ris An saoghal so a bhròin? ’S cha tugainn taobh mo theine féin, Air mìle bonn de’n òr. [TD 20] ’N uair gheibh mi comunn caomh mo rùin ’S iad dlùth dhomh air gach taobh— Gach aon to’irt bàrr an tlús ’s am bàigh, ’S bànn gràidh g’ar ceangal dlùth: Mo bhean ’s i cur gach nì na ait, ’S mo phàisdean air mo ghlùn:— Cha suaipainn taobh mo theine féin Air sonas rìgh na chùirt. CUIMHNEACHADH AIR NA LAITHEAN ’S AN ROBH MI ANN AN SGOIL NA LEDAIG. AIR FONN—“Guidheam Slainte don riblun Mhalda”. SI ’n Ledag rùnach a fhuair mo dhùrachd Le dailtean ùrair ’s le dlù-choill àrd; A sruthean fhuara le cleasachd luaineach A ruith ’mu bruachean ’s a nuas fo bràigh. S gach sgurra aoidheil ’m braigh Achnacroibhe, Le mullaich mhaola se le ’n aodain lòm, Na h-uainean oga a leum le sòlas Air leachd a chomhnaird ’s a choir gach tòm. An t-sòrag ùrail gu buidhe cùbhraidh, Ri taobh na srùlaig le duileag uain’, ’A m chuimhn’ bheir daonan na làithean eutrom ’S gach aghaidh ghaolach tha fada bhuam. [TD 21] ’S an robh sinn còmhla measg lòn is mhointeach, A trusadh neonain, ’s mar eoin na frì, Bha sinn co saor dhuit do chùram saoghalt, Is beag a shaoil sinn na dh’ fhaodin ìnns’. Re fad an làtha ud ’san sgoil ud bha sinn Am maighstir làmh ruinn ’s an tawse ri’r cluais; An t-aon bu chrione ri cagar ìosal, Nuair chìte’ dìth air an t-snaoisean ruadh. Is sgapta sgaoilte an croilean gaolach, A bha ri’m thaobhsa nuair bhiodh’mid’ cruinn’, Ri àm dhuinn sgaoileadh a mach a taomadh Mar fhang do chaoirich ri aodan tuim. Air feasgar samhraidh, tric cásruisgt’, ceann-ruisgt’, Measg lub is àlltan measg ghleann is fhrì, ’S ri tìm a gheamhraidh le camain challtuinn A cuir na ball ud taobh thall na crìch. Ach ris an t-saoghal chaidh’n sgeap a sgaoileadh ’S ar cuir air faontradh air aodan cuain; O! ’s iomadh bàta sa chabhlach àluinn A chaidh na clàradh air ànradh truagh. Ach sibhse a dh’ fhàgadh, a bha ’s an àireamh, Tha fáthast sabhailt ’s ’gar sàrach buan; Na biodh ’ur n’ inntin air tuiteam iosal Ged bhios ’ur slighe ri ìomachd, cruaidh. [TD 22] A ghaoth nuair shéideas, an lunn nuair dheireas, ’S a bhios ar léirsinn air tì dol bh’uainn, Si réult an dochais a chumas beò sinn, ’S a bheir dhuinn comhnadh is doigh gu buaidh. TO MRS. HOSACK. This song was composed in honour of the marriage of William Hosack, Esq., Barcaldine, with Miss Campbell of Lochnell, in June, 1875. It appeared in the Oban Times about that time, and was followed in the next issue by a characteristic letter and an English translation from the able pen of Professor Blackie. The Professor writes:—“There are few men in this part of the world for whom I have so great a respect as John Campbell of Ledaig. He not only does his duty in his station, like other good Christians, but he grows strawberries in a region where strawberries are few, and he writes Gaelic songs in a district where not a few have turned apostates from the traditions of their fathers, and prefer decking themselves with foreign affectations, instead of growing lustily out of their native root. All honour be to the man who, in the harmonious tones of a language to which poetry is more natural than prose, conducts the inspiration derived from Alastair Macdonald, Duncan Ban Macintyre, and Dugald Buchanan, through a living electric wire, to animate future generations of Highlanders who shall not accept it with joy as their natural destiny to be stamped out of the world like diseased cattle or to march with a base self-abnegation as the train-bearers and the flunkies of the Sassanach.” NAILE, ’s i mo ghaol-sa’n ribhinn, Thill air ais gu tìr a sinnsear; Bha ’n fhuil Ghaidh’lach ruith mi diomhair, ’G iarraidh dh’ionnsaidh fraoch nam fior-bheann. [TD 23] ’G iarraidh dh’ ionnsuidh sneachd nan àrd-bheann, ’S creagan corrach tìr a càirdeis, Ged tha cluaintean Shasuinn àillidh, ’S mor gu ’m b’ fhearr bhi measg nan Gaidheal. ’S iomadh buaidh tha, luaidh, riut sinte— Buaidhean nach gabh dhomhsa innseadh; Buaidhean pearsa, buaidhean inntinn; Buaidhean nach gabh luaidh no sgriobhadh. Nadur fiachail, fialaidh, finealt, Ann am pearsa chuimir, dhirich: Cridhe blàth, le gràdh air lionadh, ’S caoimhneas tlàth do dh-àrd ’s do dh-ìosal. ’S iomadh là bho ’n shuidh do shluagh-sa An Airdmhucnais chas nan stuadhan; ’S Diarmaid fein le shleagh ’s le armachd Sealg nan torc feadh chnoc na Garbhaird! ’N eala bhàn ri guileag bhoidheach, Air an loch toirt dhuit a codhail; ’S Meadarloch ’s Muc-carna comhladh Deanamh gairdeachais ri d’ phosadh! Taing do ’n fhear thug nuas air laimh thu, ’S goid a Sasunn flùr cho àillidh; ’S mòr am bèud gun thu bhi làmh rium, ’S luchd do dhuthcha ’n geall gach là ort. [TD 24] Nis gu ’n guidh sin dhuitse ’s dhàsan, Laithean fada ’s sonas àghmhor— Sliochd do shliochd a bhi ’s an àite, ’S oighreachd d’ aithrichean bhi fàs leat. [TRANSLATION.] MY love is a lady, my love is a Campbell, And she has come back to the Highlands again; For the blood will run thin in the veins of a Campbell When away from the heather that purples the Ben. Mid the pomp of huge London her heart still was yearning For her home in the corrie, the crag, and the glen; Though fair be the daughters of England, the fairest And stateliest walks in the land of the Ben. What poet may praise her! her virtues to number Would baffle the cunning of pencil or pen; Though fair be the casket, the jewel is fairer— The best of true hearts for the best of good men. She is comely and kind, and of gracefulest greeting, Erect and well-girt as a Campbell should show, And a heart with warm blood, and a pulse ever beating, With loving reply to the high and the low. [TD 25] Long ages have gone since the sires of thy people First pitched at Ardmucnas their tents on the shore, When Diarmad himself, with his spear and his harness, O’er the heights of the Garvaird gave chase to the boar. The swan on the loch that belongs to thy people Made vocal the billow to welcome thee home, And Mucairn and Meaderloch shouted together, “The Campbells are coming, the Campbell is come!” Thanks to the man who had sense for to find thee, And steal back from England so dainty a flower, To live where the ties of thy kindred shall bind thee, And the love of thy people shall gird thee with power. And we pray to the God who gives blessing and bounty That the seed nobly planted may gallantly grow, And that never a Campbell may fail on Loch Creran While breezes shall wander and waters shall flow. [TD 26] MAIGHDEAN LOCH-N’AN-EALA. ’S an tìm a dh’ fhalbh, bha aon do Thìghearnan Loch-n’an-Eala aig an robh nighean mhaiseach, eireachdail, a thug gaol do Thìghearn òg de chlann Domhnuill. Aig an àm so, bha na Caimbealaich agus na Domhnullich a mach air a cheile, agus cha’n fhuilleangadh a h- áthair dhi a phòsadh. Bha e na chleachdadh aice a bhi a dol gu ruinn na Garbhaird, agus a bhi cur lìtrichean ann soitheach eígin, a bha an sruth aig àm sonnruicht’ a ’giulan gus-an taobh thàll, for an robh esan ga’m faighinn. Mu dheireadh, air dhi oidhearpachadh teicheadh, chaidh a bàthadh air a Chonnouil. THA “Loch-nan-Ealla” brònach, Tha’n Dòmhnullach fo ghruaim; A Chonnouil ri crònan, ’S a h-eòin ri guilleadh thruagh. Tha maighdean an fhuilt òr-bhuidh. An seòmar na’n tonn uain’, ’S an fheamuinn ruadh a comhdach Na h-òigh is àillidh snuagh. Oir thug i gaol a h-òige Do Dhomhnull òg na’n gleann— Fleasgach maiseach òrdhearc, A choimeas cha robh ann. ’S mur biodh a h-áthair iargalt, A fiaradh gràdh a crì, Cha robh i ’n diugh ra h-iarruidh Measg iasg na fairge lì. [TD 27] ’S ann thug e dhi teann-òrdugh, Nach pòsadh i gu bràth; Is fear de fhuill Chlann-Domhnuil Nach glacadh i air laimh. Ach latha air falbh dha sealgach Sa Gharbhaird air son fhiadh, Ghreas ise thar na Connouill, A choinneachadh fear a miann. ’N uair leam i anns a bhàta, ’S a ghlac i ’n ràmh na dòrn; A sealladh bha gun àrdan, A gruaidhean tlà le deòir: A broilleach geal ag éiridh Le mhèud sa bha do strì, ’S a chridhe bha ga léireadh Le éibhle na h-athsìth. Bho’n chladach ’nuair a ghluais i, ’S a theann i suas do’n Phléoid*— An srùth le bèuchd an uamhais, Fo’ bhuaireas air a tòir. Mo chreach! mo léir! mo thruaighe! Tha chuartag ud fo’ sròin ’S mar chùibhle sneachd ’s a chuairt-ghaoith ’S an uair tha i gun treòir. * A small creek near Connell Falls. [TD 28] Mo neart tha nis ga’m thréigsinn, ’S mo léirsinn a fàs dall; Tha sgreach a glaodh a’m’ éisdeachd, ’S gun aon tho’irt fuasgladh ann. Tha “Loch-nan-Eala” dèurach, Tha éigheach feadh n’an gleann; Ach O! cha till an rèult ud, ’S na creagan gèur fo’ ceann. ’S a nis air ruinn na Garbhaird, ’S an anmoch cha bhi i; Is litrichean ’am bàlgan, Cha’n fhaicear falbh le sgrìob. Is thusa, Mhic-’Ic-Dhomhnuill, Air muir cha bhi’ do shuil; ’S i nochd na luidhe ìosal ’S an robh do chrì ’s do dhùil. SAIGHDEAR GAIDHEALACH. [The subjoined verses are composed on a young Highland officer who served in the Peninsular War. He was, one night, seized with a presentiment that he was to be killed in the battle that was pending on the morrow. His brother officers tried to laugh him out of it, but in vain. He wrote home to his friends bidding them farewell, left his affairs in order, and “foremost fighting fell”. The verses are written as if by his sweetheart. The first verse may be used as chorus.] TOGAIBH a bhratach a chlanna mo shluaighse, Togaibh le caithream i, togaibh le buaidh i; [TD 29] Bi dìleab bh’ ur sinnsear an fhior fhuil gun truilleadh, A chumadh an aird sinn ’s gach càs agus cruadal. Sud an fhuil Ghaidhealach bha ceannsgalach buaghor, Luchd caitheadh an fhéile is breacan na guaile; Cha teichidh roimh ’namhaid ’s cha’n fhaichte san ruaig iad, ’S bu làidire dh’ fhasadh mar b’ airdè an cruaidh-chas. Nuair chìte air faiche iad le ’n deiseachan uaine, A siubhal an rathaid sa phioba toirt fuaim doibh— Ri aodan a chatha is rughadh nan gruaidhean— O ca’ bheil an cridhe nach tiomadh san uair ud? ’S ged seasmhach an spiorad nach pilleadh roi’n fhuathas, Suil chorrach nan aodan nach faodta a ghluasad— Co shaoileadh san trà ud an spairn ghoirt a fhuaradh, A dealach’ ra’n leannain an gleannan an uaigneas? Faic iad a nis, fior luchd finne nam fuar-bheann, Direadh le braise gun athadh roimh ’n uamhas; Gach gunna ri lamhach, an nàmh tighinn a nuas orr, Ach rinn sinn an ciosnach’ ged mhill iad mo luaidhse. Co ’m fear ud a chi mi na shineadh gun ghluasad? ’N fhuil chraobhach a diobradh ’s gun aon a ni fuasgladh; Fholt camagach boidheach na dhu-lùban cuachach, A snàmh anns a ghaoith ’s gun aon-ghaoil ann bheir dual as. [TD 30] Tha ’n claidheamh ’s e sinnte a nios rid’ chrios-guaille, ’Se fhathast a’d’ ghlaic tha air glasadh ’s air fuaradh; ’S ma rinn thu doibh striochdadh, sann dileas a fhuaradh, ’S triur naimhdean nan sìneadh nuair spion thu ad’ thruaill e. Tha ’m breacan bha deas ort air preasadh le ruaidhe, Is sruthan na fola toirt dath as an uaine; Tha t’inntinn a sioladh ’san ribhinn ad’ smuaintean, Is mànran a beòil a toirt ceòl ann ad chluasan. San oidhche mun d’fhag thu bu chraiteach an smuain ud, Guth an rabhaidh ag radh nach robh dàil anns an uair dhuit; Cha b’ioghna a ghràidh ged bha thu gad chuaradh, Is tannasg a bhàis, ’geurach fhàl gud’ thoirt bhuamsa. O ’s truagh mi da rìreadh bhon dhinnseadh an tuairsgeul, Mo chri tha air lionadh ’smo bhas gan sior bhualadh; Tha esan gle iosal niu’n tric rinn mi bruadar, ’S cha chlaidheamh a mhill e, ach innleachd na luaidhe. Is càch nuair thig dhachaidh, le caithream ’s le luathghair, Bithidh mise gle fhalamh gun charaid san uair ud; Is ghuidhinn am bàs gun mo laithean thoirt buan dhomh, Nan faighin gu bràth bhi gam chàradh san uaigh leat. [TD 31] A MOTHER BEWAILING THE LOSS OF HER DAUGHTER, WHO PERISHED IN THE WRECK OF THE ‘ROYAL CHARTER’. IS tiamhaidh fuaim na fairge, Bhi ’g eisdeachd toirm a ciuil, Is muladach a crònan, An oidhche chòthar chiuin; Is iomadh smuain a dhuisgear, Sa chridhe rùisgte leònt; Air cluinntinn doibh do chaoidhearan Mar neach a tha ri bròn. O saoil mi ’n ann a tuireadh, An dream o ’n d’thug thu ’n deò, Tha thu mar so le ’d’ bhùireadh Toirt ciuil do chluas n’ am beò; Oir co nach cual an sgéul ud, Mu ’n long bha eutrom luath, Le a croinn fhada chaola, Sa siuil gheal sgaoilte a suas. Bha ghaoth a tighinn gu faoilidh, Le oiteag fhaoin on tuath, Gach aon gu cridheil gaolach, Is aoidh ’s gach gnuis mu ’n cuairt; [TD 32] Gach aon le fiughair aobhach An duil ri crioch an cuairt, O! ’s beag, is beag a shaoil iad An caochladh thighinn co luath. Is beag, is beag a shaoil iad, M’ an éireadh grian air cuan, Co fhad gu ’m biodh’ o ’n daoine, Gu ’n chiste chaoil gun uaigh; Tha ghaoth bha fann a seideadh, A nis ag eiridh suas, Tiugh dhorchadas ’s na speuraibh, ’S aon reult cha seall a nuas. Tha ’n sgeir ud rompa sgaoilte, O! cluinn a ghaoir tha truagh! ’N robh idir aingeal gaoil ann, Thoirt fairbhean fhaoin ’n an cluais? Nis dluithe is nis dluithe,— Tha chùis a fas’ ro chruaidh! Tha cuid dhuibh air an glùinean S an urnuigh ghéur dol suas. Tha fàsgadh làmh, is uamhunn An aite luath-ghair ’s ceol, Gach bord tha anns a bhruasgail, A nuas tha crann is seol; [TD 33] Gach tonn tha tighinn a beuchdaich Mar leoghann ’n airde buaidh, Gach aon le sithidh reubaidh, Toirt beum a’ measg an’ t’ sluaigh. Co ’n triuir ud a tha comhla, Nan croidhlean cruinn le strì? Tha athair agus mathair, Is leanabh maoth na cìch; Tha sud aon nighean àillidh ’S a gairdean bàn mu’n chrann, An gairdean eile làdair, Mu mheadhon màthair fhànn. Tha piuthar agus brathair, Dol samhach ghaist’ don éug, Nam beatha bha iad gràdhach, Am bàs cha sgar o cheile; Ach O! bi oidhche an uamhais, Oidhche chruaidh mo leon, Is beag chaidh do n t’ sluagh ud, Gu tir a dhinnseadh ’sgeoil. Oir eisd an sgread ro àrd ud Fhuair gath a bhàis lan bhuaidh, Tha ’n long na mile clàr duit ’S na bha air bord sa chuan; [TD 34] Is balbh a nis an eigheach, Tha aon is aon dol dhì; ’S a ghurracag bhàn ag éiridh, O ’n chorp tha sioladh sios. Co ’n corp air leam tha faontrach, Sgaoilte air na tonnan lì? Tha nighean gheal mo ghaoilse Aon chaileag chaomh mo chrì! Tha cuailean donn mo luaidhse S’ an fhemainn ruadh ga chìr; Ochon! is mis’ tha truagh dheth, ’S i ’n uaigh a mhain bheir sith. Cha chluinn mi guileag faoilinn, No oiteag ghaoith san àm, Nach teid mar bhior troimh ’m thaobhsa A saoilsin gur tu th’ ann; ’Smo chead a nis leat fhairge ’S tu dh’ fhàg mi balbh gun chlì, ’S do thoil an Tì a dhealbh sinn, Ged ’s searbh e, ’s’ fheudar striochd! [TD 35] LINES ON THE DEATH OF AN ONLY SON. A CHAILEAN, a Chailean, a Chailean a ruin, Gur cràiteach mo chridhe ’s na deoir ann am shuil, Tha m’ inntinn fo mhulad ’s m’ aigne gun sùnnt, Bho ’n dh’fhag mi mo Chailean ’s a chaibeal fo ’n ùir. Tha t’ aogas gach latha fa chomhair mo shùl, ’S gu n’ saoil mi mar b’ abhuist gu ’m bheil thu dhomh dluth, Le d’ aghaidh mhìn bhoidheach ’s do mheall-shuilean gorm ’S do bhilean a nis nach dean mànran na toirm. Gur trom tha mo chéum a’tighinn dachaidh ’s an oidhich’, Is bristeadh sa chròilean a b’ abhuist bhi crùinn. Bidh càch tighinn a m’ choinneamh ’s a streapadh rim’ ghlùn, Ach aon dhiubh tha ’m dhìth is cha till e ri ùin. Cha ’n-eil bràthair a nis aig do pheathraichean gaoil, ’S a t’ athair ’s do mhathair ga d’ ionndrainn o ’n taobh. Ach dh’ iarr thu mu ’n d’ fhàg thu nach robh sinn ri caoidh, Is suil bhi ri dachaidh a mhaireas a chaoidh. [TD 36] ’N uair a shiab thu na deoir o ar sùilean bha làn, ’S a phaisg thu ar muineal a’ d’ ghairdeanan bàn, ’S a phòg thu le aiteas gach sean agus òg, ’S e’ dh’ fheum sinn a ghealltuin nach bitheamaid ri bròn. “Oh athair, a mhàthair, a pheathraichean gràidh! Mo bheannachd a nis leibh gu siorruidh ’s gu bràth, Is leanaibh an caraid thug mise as gach càs. ’S gu ’n coinnich sinn far nach teid sgaradh le bàs.” Cha robh thu ach òg ann an saoghal a’ bhròin. Ochd bliadhna ’s seachd laithean a fhuair sinn ort coir; Ach Esan ’thug dhuinn thu ’s a nis a thug uainn, Bheir neart gu bhi striochdte d’ a thoil anns gach uair. WRITTEN ON THE DEATH OF A SISTER AND HER TWO CHILDREN, AS IF BY HER HUSBAND. AIR—“Cha tig mo bhean dachaidh.” IS àillidh a mhaduinn, Is dearseach a ghrian, Ach ’s dorcha an saoghal Do ’n chri thu ga shniomh; [TD 37] Cha’neil smal air an athar, Cha’neil neul air an speur, Ach troimh uinneag mo-chridhe Cha ’n fhaic mi ’s cha léir. Bha uair ’s dheanain àbhachd Is gàire mar chàch, ’S bu shunndach air feasgar Dheanain coinneamh ri’ m’ ghràdh; Ach ’s ìosal a nis i ’S is luaineach mo thàmh, Is coinneal mo thighe, Fo thalamh na smàl. Chaidh mo thighse a rùsgadh An uine co luath, ’S gun saoil mi gur bruadar Thug bhuamsa mo luaidh; Ach ’s bruadar e mhaireas Fad laithean mo chuairt, Is air nach tig crioch Gus am bi mi s’an uaigh. Nuair thig mise dhachaidh, Gur falamh tha mì, Mo bhean ’s mo dhà leanabh Iad uile gam’ dhì; [TD 38] ’S gach taobh ni mi amharc Gu ’m faic mi’ gach nì, Bha aon uair toirt sonas, Cuir goimh ann am chrì. Ach cuim’ dheanain gearan ’S toil m’ athair tha ann, ’Se thug dhomh a mhàthair ’Se thug dhomh a chlann; ’S ro ghoirid an uine— ’S bithidh mise air ’an deigh ’S cha dean e chaoidh tuilleadh, Ar sgaradh o chéil. A MHAIRI GHAOIL. AIR FONN—“Soraidh slàn le Fionn-airidh”. SEISD. A MHAIRI ghaoil, a mheall mo chrìdh’ A Mhairi ghaoil, tha thu am dhìth: Gur trom tha mi ’s na deòir le strì Ga’n cumail shios bho’n dhealaich sinn. Aig àm a bhristeas iad a’ bhruach, Mar ribe fhaoin roimh thonn a’ chuain, ’Sa dh’fhagas iad mo chridhe truagh A smaoineachd air na h-amaibh ud, [TD 39] ’San robh thu ghaoil, gu eutrom, luath, Gu sunndach, cridheil, air bheag uaill; Is beag a shaoil mi sin a luaidh, Co luath gu’m feumta dealachadh. Mar ròs a bristeadh mach fo bhlàth, Measg dhuilleag uain’ air gheug a’ fàs; Be sud do choimeas air an là ’N do ghearr am bàs ri leathad thu. Ach chaidh thu nis do’n leabaidh réidh, Fo bhrata tubhaidh glas do fheur, ’S an neònein geal a’ sileadh dheur Fo dhruchd a chéitein thairis ort. Tha thu sìnnte ’n Ach-na-bà A’d luidhe iosal shios fo’n làr; Is goirt mo chridhe-sa gach là Théid mi gu bràth do’n chaibeal ud. ’S gud an luidh mi sios ri d’ thaobh, Anns a chisde chumhann, chaol, Traoghadh cha tig air a ghaol, Thug mi co daor ’s co daingean duit. [TD 40] NA COMPANAICH. IS toigh leam fein na companaich, Bhiodh sunndach, aoidheil, inntinneach, Is tric a b’ fhearr leam bhi ’g’an coir, No airgoid ’s òr bhi cinntinn domh. An uair, a bhitheadh m’ inntinn shios, ’Smi sior a strì le iomagainean, ’S nach faigh mi bealach ann am chàs, Ach gàradh ghnath mu ’m thiomchioll sa, An sin ’n uair thigeadh fear an ròd ’Sa thoisicheadh an seanachas dhuinn, Cha bhiodh cuimhne air cneadh no leòn ’S bhi’mid ’s gach seol a soirbheachadh. Is creid a nis nach gnothach ùr, Tha mis an drasd a ’g innseadh duit, Ach comhairle bha ann o’ thùs, Rinn Solamh fein a sgriobhadh dhuinn. Oir mar a bheir an t-iarunn faobhar, Le iarunn eile a gheurachadh, Mar sin gun geuraich duine gnuis A charaid ’n uair bhios feum aig air. ’Is fhad sa bhios mi mar a tha, Chan iar mi ach bhi comhla riu; Is ged a gheibhinn bean gun dàil, Le ’m nàdur féin gun seol i leam. [TD 41] Am fortan sheachnadh orm gu bràth, An te nach tàth ri m’ dhoigheanan, Gum b’ fhearr am bàs a thighinn tràth, No mi bhi ’n sàs aig scropaig dhiubh. An tè nach deanamh rium fiamh ghair, An uair bhiodh cairdean ’s eòlaich leam, Ach ’leagadh nuas an t-siul le gruaim, Thi Mhaith! cum uamsa an seorsa ud. DO ’M DHACHAIDH. MO bhothan beag lurach Am fasgadh a bhruthaich, O ’s mise nach d’ thugadh air stòras e; Ged gheibhinn-se saoibhreas Is tigh mòr na h’ oighreachd Chan fhaighinn-se an sonas tha chōmhnuidh ann. Nuair bhios mi bho’n bhaile, ’S mi sgìth a tighinn dachaidh, Mi fadalach, arsneulach, aonarach; Nuir ruigeas mi m’ fhardach ’S a chi mi mo phàisdean, Gach aon a ruith ann am chòmhail dhuibh. [TD 42] Is tric a tha ’n saoghal, Toirt eallach ra shlaodadh Is cūram nach faoin a dol comhla ris; Ach sud leis a ghaoith Gach cūram ’s an t-saoghal, Nuair thig iad le faoilte thoirt pòige domh! Mo bhean is i romham, Le aoidh anns an dorus A sealltuinn an déighe a chròilean ud; Ged ’s fhada an ùine Bhon sheòl i air tùs leam Ar gaol tha co ùr ’s nuair a thoisich e. ’S nuair dhearsas an t-Sàbaid Le sìth is le sàmhchair Làn taing tha ar cridhe san uair sin, Do’ n Ti thug sinn sabhailt Roimh ’n t’ seachduin a dh’fhàg sinn. ’S a mhaitheas a ghnàth tha g’ ar cuairteach’. An so tha ar làithean Dol seachad mar sgàile, ’S an fhàsaich co fhad ’s tha ar cuairt ann Gu’ s an ruig sinn an t-àite, Nach till sinn gu bràth as ’S am faigh sinn an dachaidh bhios buan duinn’. [TD 43] MO ROGHUINN COMPANAICH. IS e so companach an aigh, An companach a b’ aill leam fein; Am fear a bheireadh dhomh gu saor, ’S d’ an taomain mach mo chridhe fein. D’ an innsinn-sa gun sgàth gun fhiamh, Gach iomaguin dhian a bhiodh g’ am leir, A bheireadh comhairle orm le gràdh, ’S ri càch nach labhradh nì mu dhei’nn. Is mòr an sonas air gach taobh, Ra fhaotainn tha ’n ar comunn gràidh; Cha d’ thugainn e air gloir an t-saoghail, ’S ra thaobh tha ōr na nì gun stà. Ach O cum uam an teanga fhiar, Mar lion a dhiatheas air gach taobh; ’S an là mo theinn a sgaoil a sgiath, ’S a d’fhag mi sniomhte ris gach gaoth. [TD 44] AN CARAID BU MHAITH LEAM. Thoir dhomsa ’n aghaidh fhosgailte, Thoir dhomsa ’n cridhe fial. Gun dùbailteachd gun lùbaireachd, Ach dìreach glan na thriall. Thoir dhomhs’ an càirdeas diongalta, Nach tionndaidh null no nall. Ach sheasas daingean air a bhonn, Ged dhoirt air tuil nan gleann, Thoir dhomhs an spiorad firinneach, A ni an nì a their, ’S mur toill mi e an stoirm no feith, Nach tilg mi cháoidh air sgeir. O sud an caraid dhiarrinn-se, A’n saoghal fiar is fàs. Is taing O taing gu’m bheil iad ann, Ged s ainneamh iad ’s gach àit; Ach ainneamh anns gach àit mar tha, Nuair thachaireas iad ri chéil, Tha ’n cairdeas daingnicht’ leis a ghràdh, Nach fàilnich anns an stéidh. RANN AIR SON CLACH-CHINN. GABH rabhadh bh’uam a lèughadair, Bi réidh ri Dia gu luath; Tha mise ann an siorruidheachd, Thu thusa air a bhruaich. [TD 45] TOIMHSEAGAN. THA nìgheanag òg a tighinn do’n bhaile so, ’S earbal fada na déigh; Is léir dhi na cèudan mile air deireadh, ’S air thoiseach cha leir dhi cèum. Tha ultach na h-uchd nach innis i dhuinne, ’S nach fàca dùil tha fodh’n ghréin; Gus an là am fuasgail i nuas a sgùirt ’N sin gheibh sinn uil’ ar cuid féin. Tha feadhainn tha’n dràsd’ làn àigh is othail, Le fàilt’ to’irt furan d’a chéil’; Na’m faiceadh an nì tha sgriobht’ mu’n coinneamh Bhiodh sìor a silleadh na’n dèur. Tha cuid a tha ìosal, dìblidh, falamh, ’S an crì air leaghadh mar chèir; A thogas i nìos gun strì le slataig,* G’an cur air rathad glan réidh. Is maith do gach neach gur dìomhar, paisgte, An nì tha feitheamh air fein; Neo chuireadh e sìos ar crì gu talamh, Is rachamaid builleach bho fhèum. Freagairt.—A Bhliadhn’ Ùr. * Magic wand. [TD 46] LINES WRITTEN IN A YOUNG LADY’S ALBUM. MO nìonag dhonn gu’n sgrìobh mi rann, Le guidhe teann gu’n tachair e— Gu’n faigh thu ghnàth a réir do là, Gach nì ni àghmhor maiseach thu. Le cridhe blàth is caoimhneas tlà ’S an fhear, a ghràidh, bheir dhachaidh thu; Le sonas buan nu’r tigh gach uair, ’S bhu’r gaol gun fhuachd, gun lasachadh. ’S ’n uair thig an t-àm anns nach bi dàil, ’N ar tìm san fhàsach fhalamh so; Gu’m faigh sibh àit’ an tìr a ghràidh, Gu bràth far nach bi dealachadh. TO AN OBAN FRIEND. IAIN Mhic na Cearda, Gu ’n cuir mi sios mo rann; A ghleidheadh d’ ainm air chuimhne, ’S gur airidh e ’bhi ann. Oir co a fhuair ort eòlas Nach d’ fhairich anns gach tràth An caoimhneas, domhain, bunaiteach, Tha ’d chridhe duineil blàth. [TD 47] B’ fhuar a bhiodh an T-Oban, Do dh’ iomadh creutair fann,— An geamhradh ’tighinn le stùichd air, S’ ann poca mine gann; Ach tha caraid anns an oisinn ’S tric ’thug cobhair anns a’ châs, ’Us ma gheibh sinn uil’ ur guidhe, Cha bhi gainne air gu bràth. Nis cha ’n fheud mi leantuinn A thogail suas na h-uin’, ’Us fios agam co beag ort ’S tha ’bhi ’leudachadh mu ’n chuis; Oir an nì a ni do dheas lamh Cha n-aithne do ’n te chlì, Ach tha e domhain sgriobhte Sios ann an iomadh crìdh’. ’S do bhrathair ’us do pheathraichean Lan caoimhneis mar thu fein, A’ sgaoileadh air na h-uisgeachean An aran ’n àm an fheum’; Ach tillidh e le beannachadh ’S le toradh trom le cheil, Oir Esan ’thug an gealladh dhuinn Gu ’n coimhlion e d’ a reir. [TD 48] LINES TO DR. R. B. MACKELVIE ON HIS LEAVING APPIN. AIR— “Gu ma slan a chi mi Mo chailin dilis donn”. GU ’n cuir mi sios an duan so, Do ’n lighich’ bhuadhar ghléusd’; ’S gu bràth cha ghabh e luaidh dhomh Na fhuair thu uainn do spéis: Tha beannachd bhochd ’s bheartach, Tha beannachd tinn is slàn, Bho’n chridhe le deadh dhùrachd Dhuit anns gach cùis gu bràth. Air marbh’ a mheadhon-oidhche, Thar muir is coilltean dlù, Chaidh mo theachdair d’ iarraidh, ’S cha d’ rinn thu riamh mo dhiult; Is ged bhiodh dìle taomadh, Le gaoth is gaillionn chruaidh; Bha thusa agus àoidh ort, ’S chan fhaca mi do ghruaim. Is rinn gach nì bha d’ chomas Thoirt slaint air ais don tinn: Is riamh cha d’ ghabh na ’n éiginn Aon chreutair ann an teinn; [TD 49] Ach bheir am freasdal pàigheadh dhuit, ’S cha chaill thu air gu bràth Is beannachd bhochd is bhanntrach, Ga ’d leantuinn ann ’s gach àit. Bu ’tric ad’ ghnuis a dhearc mi ’S am bàs do ’m fhardaich dlù, A dh’ fheuch’ an sin an léughinn, Do bheachd-sa air a chùis; ’Sa thog mo chrì le sòlas, No thuit le dòlas sios— A reir màr bhiodh na smuaintean, A luasgeadh tù am chrì. ’Sa nis ged a d’fhag thu ’n Appuin, Le stuchdean air do chùl— Lismore ’s Ceann-Ghearrloch ’n taic’ ri’, Gach glaic agus gach cùil; Gun ruig sinn ort sa ’n Oban, Oir tha thu fhathast dlù, Is aon do’ d sheann luchd eolais, Cha ghabh léigh eil’ ach thu. [TD 50] LINES TO J. C. MACNIVEN, ESQ., MANCHESTER. AIR FONN—“Seinnidh mi mo dhuan do’n ainnir”. SEISD.— BU tu féin an Gaidheal gasda, Fáillean fiòr o thìr na h-Appunn; ’S ged a tha thu ’n drasd’ an Sasunn, Bidh tu fhathast comh’ ruinn. Sud a’ choill a chinn gun chrionach, Fìne uasal chloinn Mhic Nìen; ’S ged chuir foill an oighreachd dhì orr Tillidh tìm an còir riu. Bu tu féin, &c. Tha do chridhe mar am fuaran,— Caoimhneas brùchdadh nios gach uair as, Soillear, glan, bho ghrunnd gu ’uachdar, Mar bu dual do ’d sheòrsa. Bu tu féin, &c. Trian gu bràth cha dean mi sgriobhadh, Do gach buaidh a tha riut sìnnte— Caoimhneil, cairdeil, fiachail, fìnealt’, Fearail, foinnidh, fòghlumt’. Bu tu féin, &c. [TD 51] Tha do chéile taobh do ghualainn, Ceum air cheum dol leat na buadhan— Aoidheil, uasal, siobhalt, suairce, Maiseach, stuama, stòlda, Bu tu féin, &c. Gach meanglan, òg gu h-ùrar, uaine, Suas ri d’ thaobh, ’s an àird ri d’ ghualainn; Guidheam dhuit gach aon bhi buan dhiubh, ’S beannachd ’s buaidh an còmhnuidh. GILLE MO LUAIDH. Seinnidh mi duan do ghille mo luaidh, A thainig mu’n cuairt an dè; Bu bhlath leam a shùil ’s a b’aoidheil a ghnuis, Mo rùn e measg nan céud. GED tha thu ’s an tìm gle fhada bho ’n tìr, ’S am b’abhaist do d’ shinnsear bhi ’n tàmh; Tha ’n Gaidheal ad chridh, ’s cha ghabh e cur sios, Le nì sam bith ach am bàs. ’S ann an Apuinn nan stuadh a thuinich do shluagh— Na Stiubhartaich uasal àrd; ’S ann doibh a bu dual bhi colgarra cruaidh, ’S iad nach tilleadh ’s a’ chàs. [TD 52] Ged ’s sgapt ’s an uair na failleinean uain’, A thainig bho shluagh nam beann; Tha ’n spiorad mar bha, a’s bithidh gu brath, A’ ruith anns gach àl d’an clann. Gach lusan do’n fhraoch tha sgapte ’s an t-saoghal, ’N uair ruigeas e taobh nam beann; Tha smuaintean a chridh a’ tilleadh gun strìth, Dh’ ionnsaidh na tìm a bh’ ann. Mo chead leat an drasd, O’ ille mo ghraidh, I’s tìll rinn gun dail mu thuath; ’S gu’n cuir sinn ort fàilt le furan a’s àigh, ’S le cridheachan blàth’ ga luaidh. [TRANSLATION.] My Harp to me bring, of my love I will sing Who yesterday came me to see; With countenance bright his eyes flash and light— My choice among thousands is he. Tho’ distant retired from the land of thy sires, Where they lived in the brave days of old, The Gael from thy heart shall never depart, Till silent and laid in the mould. [TD 53] From Appin they came—in history famed— The Stewarts of high pedigree; Courageous and bold when facing the foe, They never were known for to flee. Tho’ scattered have been the branches so green, Brave sons of the mountains wild! The spirit remains for ever the same, Descending from parent to child. Each sprig of green heather, that long has been severed On reaching the mountain so green, His spirit returns, and is kindled by love, As he thinks of the days that have been. I must now bid farewell to the lad I love well, Come back to me soon to the North; Here a welcome thou’lt find both hearty and kind, From hearts overflowing with mirth. BY “FIONN”. [TD 54] FAILTE A GHAIDHAIL DO ’N BHANN-PRIUNNSA. (THE HIGHLANDERS’ WELCOME TO THE PRINCESS.) FAILTE dhuit a rìbhinn bhoidheach, Mìle failte air gach doigh dhuit, Failte dhuit d’ ar tìr gu còmhnuidh, Tìr nan laoch, an fhraoich, ’s na ’m mor bheann. Failte dhuit. Cha neil cridhe measg nan fuar bheann, Nach eil dhuit le gràdh air ghluasad, ’S nach d’thoir dhuit ’nuair thig thu nuas leinn, Failte crìdhe blà nach fuaraich. Failte dhuit. Gaol cha d’thug do righ no Priunnsa Is cha d’thug do chul ri ’d dhuthaich, Ach an gille gaidhealach lughmhor, Mheall thu e le d’ bhlà shuil dhùghorm. Failte dhuit. Thug e gaol do d’ ghrinneas fialaidh, Is do d’ nadur àillidh ciatach, Thug thu dha do chrì g’ a riarach, Is na uchd rinn fois do lionadh. Failte dhuit. [TD 55] Chan e gloir an t-saoghail no mòrachd, Chan e airgiod, òr, no stòras, Ach an cri le gaol dol comhla, A bheir sonas anns a phosadh. Failte dhuit. Fhuair thu eun a nead an fhireoin, Mullach craoibh gun ghaoid gun chrionach, Riamh a sheas air taobh na firinn, ’S dhoirt am fuil gu ’r coir a dhion duinn. Failte dhuit. Se ar guidhe anns an uair dhuit, Sith is sonas bhi ga d’ chuairtach, Is do shliochd bhi fada buan dhuinn, ’S bratach cheartas ga cuir suas leo. To LORD COLIN CAMPELL, ON HIS ELECTION AS MEMBER FOR ARGYLLSHIRE. FAILT ’us slainte dhuit a Chailean, Fada, fada, meal do bhuaidh, A shiudhe ’n cuirtean mor na rioghachd, ’S a dhion ’s a sheasamh còir an t-sluaigh. [TD 56] Cha d’ rinn òr no ordugh uachdrain, Cridhe an t’ sluaigh a chuir ad dhìth, Tha ’n fhuil Ghaidhealach mar a bha i, Ged shaoil pàirt gu ’n chaill i’ brìgh. ’N stochd bho ’n d’fhas thu, chaidh a dhearbhadh, O chionn aimsir air a cheann, ’S as an fhaillean tha sinn dearbhta, Gu ’m bheil freumh a ghineil ann. Taing gu bràth ’uainn do na cairdean, ’Sheas co ladair leat ’s ’an strì ’S Ian Ban Ile le a Ghailig ’Buidhinn aite anns gach crìdh. Mìle beannachd anns an trà leat ’Us gu brath ma thig thu rìs, Tha sinn uile leat gun fhàillinn ’S bidh gu brath, gu la ar crìch. RANNAN AN LEITHSGÈUL NA BARDACHD. AIR FONN—“Ged tha mi gun chrodh gun aighean”. SEISD.— GED tha mi gun cheòl g’an gabhail, Cheòl g’an gabhail’, cheòl g’an gabhail; Ged tha mi gun cheòl g’an gabhail, Dheanain fhathast cùple rann. [TD 57] ’N uair a bhiodh an comunn comhla,— Eoghain, Pàruig, Iain ’s Domhnul— Chuirinnse na roinn an òrdugh, ’S chuireadh iadsan iad ri fonn. Ged tha mi, &c. Their iad rium gu’ bheil sinn gòrach, Bhi co tric am measg na ’n òran; Ach ge’d theireadh iad an còrr ruinn, Cron no gò cha ’n fhaic sinn ann. Ged tha mi, &c. Cha bhi raut no ràbhart againn, Cha bhi aoir no càinneadh mar ruinn; Ach a bhàrdachd àillidh, fhlàthail, Ann an Gàilig fhallainn ghrìnn. Ged tha mi, &c. ’N uair a bhios sinn cridheil, faoilidh, Is gach aon gu caoimhneil aoidheil; A to’irt bàrr an cairdeas gaòlach, Ciod an t’ aobhar a bhi ruinn. Ged tha mi, &c. Ciod a mùthadh tha bhi ra ’n éisdeachd Ann am briathran agus séisd orr’; Agus focail chinnidh cheudna, Air an leughadh sios gu’n fhonn? Ged tha mi, &c. [TD 58] ’N uair a bhios sinn tacan comhla— Luinneag bheag de bhriathran boidheach; Sinn gu sunndach ciallach, ceolmhor,— Olc ri ’r beo cha bhi na ’r ceann. Ged tha mi, &c. Tha sinn uile saoithair gach latha, Bho Dhiluain gu oidhche Shathurn; ’S nuair a gheibh sinn tiotan anail, ’S tric a bheir sinn car air séinn. Ged tha mi, &c. Beannachd a nis leis na h-òrain, Leis gach faoineas, leis gach gòraich’; ’S mar dean sinn nis miosa ’n comhnuidh, Cha leag ceòl gu bràth na’r cinn. Ged tha mi, &c. FEAR THA TOILICHTE LE STÁID. O GUR mis’ tha sona dheth, ’S mi toilichte is taingeil; Is ged a tha mo spórran gann, Is suarach leam san àm e. [TD 59] An latha thainnig mi do ’n t-saoghal, Thainnig mi gle lòm ann; ’S ’latha their am bàs rium fhàgail, Fàgaidh mi gun phlang e. Ma gheibh mi èudach agus biadh, Is a bhi saor o ain-fhiach; Le aoibh is gràdh gach oich’ is là, A’m dhachaidh, ’s taobh mo ghealbhain. Cha ’n e cuid no cuibhroinn dhaoin’ Is cha ’n e òr no airgoid; A bheir dhuinn sonas anns an t-saoghal— Tha sin aon nì dearbhte. Ach a bhi toilichte le ’r stáid, Gun mhath neach eil’ a dhearmad; Is anns an Tì bheir dhuinn gach nì, Ar crì gach là bhi ’g earbsa. CAILLEACHAN NA ’N CUIRM ’S NA CÉILLIDH. “Cha chliùth gun cheannach, cliùth na’n cailleach” ’S mairg a dhiarradh air a dhéigh; “Cha chliùth gun cheannach cliùth na ’n cailleach” ’S fhad bho’n chuala’ sinn an sgèul. [TD 60] Rach ’s cuir folt do chinn fo ’n casan, ’S fad an latha cum riu féisd; ’S diùlt an iarrtas dhoibh mu dheireadh, ’S cluinnidh tù gu leòr na dhéigh. ’N uair bhios dhà no trì dhiubh comhla, ’S a phoit tì air dol na glèus, ’S iomadh naigheachd a theid innseadh ’S cliùth na tìr ga chur an céill. Chaidh mi oidche sios le cabhaig, Far nach abair mi an dràsd’; ’S bha piùth’ragan a bhaile Cruinn a cagarsaich mu chàch. Sheas mi tiotan aig an dorus, ’N uair a mhothaich mi mar bhà; Cha b’ e farchluais a bh’ air m’ aire, Ach toil rabhadh thoirt do chàch. Thu’irt Ceit Dhu rith Cirstan Ruaridh, “’S mise, luaidh, a fhuair e ’n dè; Cha mi sios do thigh N’ic-Cuaire, ’S thug mi ’n uaigneas dhi an sgèul. “’S ann thu’irt i ruim mi ghabhail dachaidh, ’S aire thoirt do’m ghnothuch féin; Is mi’ sgur do’ chéillidh thighean, ’S do’thoirt alladh mach fo’ m sgéith. [TD 61] “’M bothan a bu bhochd’ ’san dùthaich, Gun robh tùrn ri dheanamh ann; Gun robh stochdaidh ’s bad ri chàradh, Seach’ bhi clarsearachd sa clamhs’. “Ach theid mis’ an urras dhuibhse, Fhuair i freagairt ann an àm; ’S theid mo chasan anns an téine, Mu ’n d’ thoir iad mise rithist ann. “Cha b’ ionnan i ’s an te bha roimpa Ciallan, ceanalta, mo rùn; ’Bheireadh failte orm’ le furan, ’S làn na gucaig anns a chùil. “’S shìneadh i dhomh ’n crioman braxy, No an tastan, cùl an dùirn; Tlàman clòimh, ’s an crioman íme,— O, bì ’n grinneas i gu cùl.” Thionndaidh mi air falbh bho ’n dorus, “Och nan och!” thu’irt mi rium féin; “Cha chliùth gun cheannach, cliùth nan cailleach ’S meirg a dhiarradh air a dhéigh”. [TD 62] BEAN RA FEAR A THA ’S AN TIGH OSDA. FONN—“Ho ro, mo Chaileag Bhoidheach co phòsin ach thu”. ’SE ’n t-uisge-beatha a leir mi ’S a dfhag mi ’n duigh fo éislean, ’S mo chridhe dol a céill dhomh, Le déuribh ’s le bròn. Am shuidhe taobh nan eibhleag Guan chlos gun fhois gun speiread, Is m’ inntinnsa ga reubadh, ’S mu d’ dheibhinn g’ am leon. Mi smuainteach ciod an t-aite, Am feud ni olc bhi ’n dàn duit, Is mis gun fhear gun bhrathair Gun chairdean gun stòr. Cha ghabh e dhomhsa innseadh No idir idir sgriobhadh, Gach doruinn a tha sìnte Ri iota an òil. Mi smuainteach air gach buaireadh A dfheudas bhi mun cuairt duit, Is iomadh olc is uamhas A fhuaradh mu ’n stòp. [TD 63] Nuair dheiras oiteag ghaoithe No thuiteas duilleag craoibhe; Mo chridhe leum gu eutrom A saolsinn bhi d’ choir. Ach falbhaidh fuaim na gaoithe Is sguiridh luasgan chraobh dhomh, ’S bithidh mise am sheasamh faontrach Mar chaora an ceò. Is thusa mar an ceudna Nuair thig an latha maireach, G’ ad bhioradh is g’ ad leireadh G’ ad théumadh ’s g’ ad leon. O till matà a ghaoilean, Is sguir don obair fhaoin ud; ’S bithidh mise romhad aoidheil Gach la bhitheas mi beo. Mo chridhe bithidh co sunndach Ri eun am maduinn chuin duit, Is chi thu fein am mùthadh, Is dū bhi tighinn oirnn. Na paisdean bithidh an eudach ’S chan ann nan luidean sgaoilte, Gach aon a ruith le faoilt Is aoigh ann ad chomhail. [TD 64] ’S gach ni tha ’n duigh co faondrach A mach sa stigh gle aomalt. Bidh sin gu cruinn le ’d shaoithair, S’ ann, daonnan, gu leor. ’S ged ’s geamhradh e s’ an aite, Se ’n samhradh bhios nar fardaich, Is beannachd cùl mo laimhe Gu bràth leis an òl. ÒRAN. IS O Mhic-Phàil gu’n séinn mi’n dàn, Dhuit féin ’s do’d bhàta buaghmhor; Gur iomadh càs ’s an robh thu ’n sàs, Ach thug thu bàrr ’s gach cruadal. ’N uair bha na tuinn na meillrich ghuirm, A ghaoth gu teann ga ’n ruagadh; An càth na dheann mar shruth le gleann,— Gach rù’ a bh’ ann ri fhuaradh. Na siùil an àird, an stiuir a’d’ laimh, ’S an dorchadas mu’n cuairt duit; Cha’n ioghna’ rùin ged’ shaoil an dùth’ ch, Gu ’n d’ ruith an ùin’ a fhuair thu. [TD 65] Ach taing gu bràth do ’n Tì is àird, A stiùir do ràmh troimh ’n uamhas; ’S a thug ’san tràth do bhirlinn bhàn, Gu Gredhaig àrd na’n stuadhan. Bu ghoirt do chlaoidh, ’s b’ fhada ’n oidhch’, ’S an sneachd na leabaidh fhuar dhuit; Gun bhiadh, gun deoch, is càch fo’ sprochd, Gun chlos, gun fhois, gun suaimhneas. ’S bhrist’ an là ’s thain’ thu gu tràigh Gun d’ rinn do chairdean luath-ghàir’; A guidhe slàinnt’ ’us iomadh là Thu bhith led’ bhàt’ air chuaintean. Rannan do choimhearsnachd a chaidh a dh’fheuchainn réis do’n Oban le a bhàta “Oigh na’n Tonn”. Bha a mhathair agus muinntir eile ’gan coimhead bho’n traigh, agus iad fo’ eagal gu’n rachadh e a dhìth. CHAIDH an “Oigh” ud mur sgaoil, Thog i siuil ris a ghaoith; Tha i ’n diugh dhuinn’ Ri aodan sèididh. ’N tònn uaine mar bheann, No mar shlochd ann an gleann; ’San cath thar a crann Ag éiridh. [TD 66] ’Nuair a rachadh i sìos, Bhiodh críth oirnn air tìr; Gun bhratach gun nì Ra léirsinn. ’S i do mhàthair bha truagh Air cladach a chuain; ’S an iomagain chruaidh Ga léireadh. Ach dheireadh an òigh, ’S an cobhar fo’ sròin, Mar chuillean an ròin Gun bhèud oirr’. No mar fhaolag air stuadh, ’S i sealltuinn mu’n cuairt; Bha bàta mo luaidh Co éutrom. ’S e ar guidhe ’san trà Thu a thilleadh gun dàil, ’S do dhuais a bhi àrd Ra lèughadh. Cùp’ airgoid no òir, A bhi agad le còir, ’S do chompanaich ’g òl Gu h-éibhinn. [TD 67] ’N “Oigh-Thonn” bhi air chuan A sheòladh gach uair; ’S na Caimbealaich buan Chuir réis leath’. ’S bho ’n sgrìobh mi mo dhuan, Gu’n do bhuithinn thu ’n duais, ’S mo bheannachd gach uair ’S gach rè leat. ORAN GAOIL. AIR—“Eillidh Chameron, nighean a Bhaillidh”. ’S I mo luaidhse Ceit an Tuairnear, Do ’n tug mise ’n gaol nach fuarich— Gaol gu bràth a mhaireas buan di, Gus an cuir am bàs do ’n uaigh mi. ’S fhad an ùin’ o ’n thug mi spéis dhuit, Is am chrì’ bha thu mar reult ann, Cumail coinneal laist’ am smuaintean, Is tric a stùir mi ’dhionnsuidh suaimhneas. ’Si mo luaidhse, &c. Is lionmhor fear tha ’n duigh mar bha mi, Trom an gaol air nionag mhàlda— E ga chlaoidh gach oidhch’ is là leis, ’S i an-fhiosrach air a ghràdh dhi. [TD 68] Is iomadh fear thu’airt rium na briathran:— “Cha do bhuin an gaol ud riamh rium”— ’S mise àite chaoidh nach iarradh, Cridhe fiar, an aghaidh naduir. ’M fear a chuir an crì’ na aite, Thug E seomar blàth do ’n ghràdh ann; Is ma théid e as a làraich, ’S falamh, fuar, an taite-tamh e. Bu tu fein a mhaighdean uasal, Sgaoileadh sonas ghnath mu ’n cuairt duit; Tha do bhuadhan leam co luachmhor Is gu bràth nach gabh iad luaidh dhomh: ’Nis bho ’n tha do bhuadhau ard leam, ’S grinneas fiachail ann ad nàdur, Tha do phearsa leam ro àillidh,— ’S leat gu bràth mo chrì’ ’s mo làmhsa. DO MHAIREARAD. AIR—“O’ a’ the airts the win’ can blaw”. GU’N tog mi nis mo ghuth an aird Air bharraibh ard na gaoith, A ghiulaneas mo shoraidh ghraidh Gu Mairearad mhàlda chaoin; [TD 69] Bho ’n la a chunnaic mi do ghnuis, ’S do bhla-shuil chaomh gun ghò, Gu ’n d’ fhàg e saighead ann am chrì Nach cuìtich mi ri m’bheo. Do ghruaidhean eutram, tana, dearg, Gun aithn’ air fearg no gruaim, Do dhualan dubh mu d’ mhuineal mìn ’S thu fìnealt, malda, suairc; Do phearsa cuimir, direach, deas, Do chneas mar eala chuain, Do ghluasad anns gach doigh cuir leis Am maisealachd ’s an stuaim. Ach coid is fhiach gach maise ’s aigh Tha ’n taic ri ailleachd snuadh; Seach buaidhean inntinn uasal ard, Tha ghnath an taic ri m’ luaidh! Tha maise a’ d’ nadur anns gach doigh ’S gach seol tha tuigse a’ d’ gniomh— Do chomhradh modhail, caoimhneil, tlà, Le blàths a cridhe fior. An àithne ’s gealladh air a cul, Lan choimhlion thu gu beachd— ’S bidh beannachadh gu bràth a’ d’ dhéigh ’S gad’ leantuinn fein ’s do theach; [TD 70] Ach thig an là, ’s cha’n fhada bhuam ’S am faigh mi, luaidh, do lamh; ’S cha sgar an sin ach bàs is uaigh, Mo Mhairearad uam gu brath. ORAN GAOIL. MO nionag uasal a chuailean dualaich, Is fhad an uair bho ’n a bhuail do ghaol mi; ’S ged ghlac an lion mi, cha d’ rinn mi innseadh Ach ghleidh mi dionach am chridhe fein e. Mar lasair mhuchta a bhiodh ga thùchadh Bha mi g’am sgiursadh ad eugmhais truagh; Is d’aghaidh aoidheil fa m’ chomhair daonnan A measg mo dhaoine, no siubhal cuain. Am measg nan ceudan bha thu mar reult ann Is mi g’am leireadh le thu bhi ’m dhì— Do chuailean dualach, ’s e dubh mar ghual ort ’Se sios na chuachan mu d’ mhuineal mìn. Do chridhe bàigheil ’s d’ iomhaigh mhàlda Is iomadh àilleachd tha ’n taic ri m’ luaidh; ’S e meud mo speis dhuit dh’ fhag mi co deurach S ochon! o fheudail gu bheil thu uam. [TD 71] O ’s iomadh fear a tha n duigh mar bha mi A caoidh an fhardail nach d’ rinn dha feum— Cha d’ dh-iarr e maorach nuair bha an traigh ann, ’S cha dh’ fheith an làn ris ’s e ’n drasd leis fèin. Tha àm d’ar beatha ’s tha ’n sruth aig airde O, ceap ’s an trà e mun till e bh’uait; An cothram ceudna cha till gu bràth dhuit Ged dh’ fheith thu lamh ris gu crioch do chuairt. Do dhuin’ òg a mheall nìghinn, le a bhi a’gealltuinn a pòsadh, agus an déigh sin a phòs tè éile. SEISD.— O! BU donna, donna, donna, O! bu donna rinn thu; ’S O! bu donna dh’ fhiach thu mise, ’S O! bu donna rinn thu. Mheall thu mi led’ bhriathran carach, ’S thug thu cùl ri’ d bhòid ’s rid’ ghealladh; ’S fèudidh iad mo chur ’s an anart, Leis an tùrn a rinn thu. ’S iomadh là a chreid mi-féin thu Is a shaoil mi thug thu spéis dhomh; ’N uair a bha do bhilean brèugach, Cur an céill na foill dhomh. [TD 72] Chum thu mi fad’ iomadh bliadhna Led’ chuid litrichean is bhrèugan, ’S tóg do chuìnnseas féin mar fhiannuis, Dhìnnseas e gun fhoighneachd. ’S tric a chaidh mi air an t Sàbaid ’S tu rim’ ghuaillinn suas do’n phàillinn; ’S beag a shaoil mi sin gu bràth, Gun fàillnicheadh do chaoimhneas. ’S ma ’s e airgiod ’s inbhe a b’ àirde, Fhuair thù leis na chuir thu ’m àite; B’ fhaoin mi-féin a thug mo ghràdh dhuit, ’S a ghabh an sgàil mar dhaoimein. ’S ged nach iarr mi-féin gu bràth e, Aon ni olc a bhi au dàn duit; Créid, O créid, gu’n tìg an là sin, Anns nach seas a’ mealltair. ’S fàgaidh mi an sin an dràsd’ thu, ’S b’ fhearr leam fulang na bhi t’ àite; ’S tha mo chliù gun smal gun sgàile, An déigh gach mì-stà rinn thù. [TD 73] AN GILLE RUADH. ’S TOIGH leam féin an gille ruadh, H-uile lath ’s oich’ is uair: ’S toigh leam féin an gille ruadh— ’S truagh nach bu leam e. ’S mise ’n diugh a tha dheth truagh, ’S mi a nis dol fada uait; Ach mo dhùrachd tha dhuit buan, ’S mo chridhe, luaidh, thu ’n geall ort. T’ òr-fhalt fàinneach togta suas, Bathais àrd is suil gun ghruaim; ’S ged’ tha neul na bric a’d’ ghruaidh, Cha sheallinn nuas mar mheang air. Tha thu fiachail, fialaidh, ciuin, Gun spòrs no méud-mhòr a’d’ ghnìus; ’S iomadh te, tha mise ’n dùil, A dhùrichdeadh bhi ’m bànn leat. Cha ’n iarrinn-se ach leaba fhraoich— Thusa ghaoil a bhi ri ’m thaobh; Còir bhi agam ort gu saor, Mar sgàil bho thuailleas theanga. [TD 74] ’S fhad’ ’s a bhios mi Chloinn-an-T-Saoir, Cha tig traoghadh air mo ghaol; Ach gu crioch is ceann mo shaogh’l, Mo roghuinn thu is m’annsachd. ’S ged tha ceathrar air mo dhéigh, B’annsa fear an òr-fhuilt réidh;— Aon cha ghabh mi ach thu féin, Ged’ bhéireadh iad an ceann dhiom. ’S e mo ghuidhe dhuit san uair, Gun do chridhe chinntinn fuar; ’S fhad ’s a bhith’s mi ’n taobh so ’n uaigh Bith’ mi co buan ’s a gheall mi. THEID MI GA D’ AMHARC. AIR FONN—“An t-apran goirid, ’s an t-aparan ùr”. SEISD.— O THÉID mi ga d’ amharc, O théid, O théid! Bho ’n fhuair mi’ uait gealladh An dé, an dé; Cha bhi mi ni ’s fhaide Leam féin, leam féin, ’S gu’n dean sinn e daingeann, Le cléir, le cléir. [TD 75] Tha ’n latha’ dol seachad, Gun fheum, gun fheum; Is mise ’s mi fhathast, Gun té, gun té; ’S e dh’ fhag mi co falamh Gu léir, gu léir, Bhi fada ’san tarruing ’S mi ceum air cheum. Is iomadh seann fhleasgach, Mo chreach, mo chreach, Na ’n innseadh e ’n fhìrinn Le dreach, le dreach, Gu’m b’ fhearr leis’ bhi sìnnte Gle iosal a chaoidh, Na ’n saoghal a shiubhal, A rithist gun mhnaoi. A’ dìreadh a’ bhruthaich Le sgairt, le sgairt; Cha shaoil e gu bràth Gu’m feum e taic; ’Nuair ruigeas e ’m mullach A call a chas, ’Nuas leis an leathad ’S e car air a char. [TD 76] Na bitheam ’san aireamh A’ ghaoil, a ghaoil, Thoir thusa do lamh domh Gu saor, gu saor; No gabhaidh tu ’n t-aithreachas Latha nach saoil, ’S bidh mise gu maith dheth, ’S te eile ri’ m thaobh. ’Sin a nis agad Mo bheachd, mo bheachd, ’S do chridhe ma th’ agam, Na fuirich air d’ ais; Ma’s toigh leat an coisich’ Na feith ris an each, Tha ’n òige ’dol seachad, ’S tha ’n aois a’ teachd. ORAN GAOIL. A Shìne ghaolach ’s a Shìne ghràdhach, Gur trom mo chrì bho ’n dh’ fhag thu ’n t-àite; Bu bheag a shaoil mi ro-mhéud mo ghràidh dhuit, ’S ann, Och! a ghaoil, gus’ an d’ rinn thu m’ fhàgail. [TD 77] Suillean mìogach is aghaidh shìobhalt’, Inntinn fhior-ghlan, tha dìreach géur; Gun smàl, gun bhruaillean, gun lochd, gun tuailleas, Ach grinneas uasal ’us suairc’ ’us séimh’. Cha ’n e stòras, ’us cha ’n e mòrachd, No nì de’n t-seorsa air am bheil mi ’n geall; Ach cailleag bhoidheach, le tuigs’ ’us eòlas, Gun spòrs, gun lèosg, ’us gun ghò na ceann. ’S ged’ a shiubh’ linn-se troimh’n Roinn-Eorpa, ’S gheibhinn eòlas ann air gach tè; Cha ’n fhaighinn rìbhinn a measg na mìlltean, Mo chride lionadh; mar ni thu féin. Cha ghaol aotrom, is cha ghaol suarach, ’S cha ghaol uallach, a rinn mo léir; Ach gaol seasmhach, a mhaireas buan dhomh, Gus ’n luidh mi fuar, shìos fo’ bhruach de ’n fhéur. ’S nis ga’ d’ fhagail, ma tha e ’n dàn domh Gu’ m bi do làmh agam teann bho ’n Chléir; Le gealladh cinnteach, is bannaibh diongalt’, Rè fad ar tìm-ne nach sgaoil o chéil. [TD 78] ORAN GAOIL. ’S mise ’n diugh tha faontrach, ’S nach aom mo chridhe leam; Bho’n chunnaic mise ’n raoir thu, A ghaoil, ’s e d’fhag mi tròm. Tha mise ’n dràsd’ fo’n iargainn, Bha riamh ann bho’ lìnn Adhamh, ’S tric tha gaol gu’n iarraidh, A cur na’n ceud ’a sàs, ’S ’nuair d’fhag mi taobh Loch-Fìn, ’S a chaidh mi sgriob mu thuath; ’S beag shaoil mi ’s an tìm ud, Gur ann gum’ chrì thoirt bh’ uam: Bho’ n chunnaic mise an t-òigfhear, A rinn mo leòn ’san uair, Tha m’ inntinn air an comhnuidh, ’N uair bu choir dhomh suain. A chéum tha aotram uàllach, ’S e dìreadh luath gach stùchd’; Le ghunna air a ghualainn, Nach facas riamh g’a dhiùlt’; ’S gu’ n aithnich sibh mo luaidh-se, A suas air feadh na tìr; ’S abhag ghlas a chruadail, Ra shail gach uair a chì’. [TD 79] Tha phearsa àrd, deas, dìreach, Measg mhìle ’s e mo dhéidh; Ochon. nach robh mi sios leis, An leabhar sgriobht’ le cléir; Mo bheannachd leis ’s an tìm so, Is innsidh aimsir sgeul; ’S ma tha e ’n dan domh fhaotainn, Gur aotram bhios mo chéum. DEALLACHADH RI CÀIRDEAN. SGAOIL an comunn, bhris am bann, ’S éigin dealachadh bhi ann; ’Saoil am bi sinn tuilleadh cruinn, Ged sgaoil an t-snuim O cheile! Tha triùr air dol mu dheas thar cuan, Aon ’s na H-Innsean fada uainn; Bhos cha’ n eil ann dachaidh bhuan, Do aon do shluagh an t-saoghail. ’Se an toileachadh as mo, Gheibhear ann an tìr nam beo; Coinneamh caomh le cridhe blà, Is tachdan cairdeil comhla. [TD 80] ’S goirt an nì agus is cruaidh, Dealachadh taobh bhos don uaigh; Ach bheir dochas neart ’s an uair, Bu truagh sinn gun a chomhnadh. O se dochas réult na soills’, Chumas coinneal lais’t ’s an oidhch’; ’N uair bhios amhghar teinn, is claoidh, Gu tric cuir ruinn lé déuchinn. ’S ged nach eil an cairdeas buan, Gheibhar ann an saoghal fuar; ’S mòr an neart a geibh sinn uaith’, Nuair bhios sinn truagh gar léireadh. ’S mo chead a nis le luchd mo ruin, Bha na’n càirdean daingean dlù; ’S goirt an cri, is trom an ’t-suil, ’S sinn toirt ar cùl ra chéile. [TD 81] TUIREADH SEANN FHLEASGACH. SEISD. TIONNDAIDH nis a nall is eisd, Tionndaidh, tionndaidh, ’s gabh gu feum, ’S na dean-sa mar a rinn mi fein, Thoir tè a measg na’n caileagan. I. ’S tha mise ’n so an diugh leam fhein, Gun agam nì a ni dhomh feum; Gun mhart, gun each, gun bheathach spreidh, Gun chearc, gun gheadh, gun tunnagan. II. ’S ’nuair a bha mi a’m ghill’ òg, Bha caoraich agam ’s crodh gu leor; Co theireadh rium an sin ri’m bheö, Gu’m faicinn lá cho uireasach? III. Mo mhallachd aig an fhear gu bràth Nach tagh a bhean ’nuair bhios e traight’, Gun fheitheadh gus an tig an làn No bithidh e bàit’ le cunnartan. [TD 82] IV. ’S beag a shaoil mi ’n laithean m’oig, Gu’m bithinn-se gun neart gun treoir; Gun bhean, gun mhac, gun neach am choir A bheireadh dhomhsa comh-fhurtachd. V. ’Sa bhothan bhochd ’an so leam fhein, Am dhragh do chach ’s mi fein gun fheum; Gach la a dol ni’s dluithe do’n eug, ’S gun neach n’am dheigh le n’ duilich mi. VI. A ghillean caoinichibh am feur, Am feadh ’s a bhitheas a ghrian a’ dears’; Oir thig an aois an uine ghearr, Is b’fhearr leibh gun robh bean agaibh. VII. Cha’n ioghna’ ciod a dheireadh dhoms’, ’S an car a thoirt a tè le m’ dheoin; Oir dh’fhag mi nighean steidheil, choir, An toir air stòras amaideach. VIII. Chaill mi ’n storas, chaill mi ’n treud, Cha d’fhuair mi ’n tè bha mi an deigh; ’S an tè a gheibhinn, ’s thug dhomh speis, Tliug mi le eacoir car aiste. [TD 83] IX. Tha ise ’n diugh co math ’sa miann, Tha aice fear tha saoibhir fial; Tha mise ’n so ’nam bhodach liàth, Thug iomadh bliadhua fo airsneal. X. Is dh’innis mise nis mar bha, ’S, O! gabhaidh rabhadh uamsa trà, ’S, ma’s toigh leat tè, thoir dhi do lamh, Is gu bràth na bi a’ d’ Bhaitchelear. COR SEANN FHLEASGAICH EILE—A CHOMPANACH GA FHREAGAIRT. IS fior thu’irt thu mu’n Bhatchelair, ’S ann agamsa tha fios; ’S e chuir mi ’n diugh air alaban, ’S e dh’ fhag mi co beag meas. Am feadh sa bha mo phòca làn ’S a bha mo chuid am choir, Bha cairdean agam gu neo-ghann ’S gu leor a chlann mu’m bhord. A nis bho ’n tha mo phòca lòm, ’S le aois air call mo threoir; Ma théid mi dhionnsuidh aon diubh sud Tha dorus duint’ ri m’ shròin. [TD 84] ’S e théir iad rium. “Car son nach drinn Thu posadh ’n laithean d’òig’? ’S cha bhitheadh tu mar so a nis, A d’ dhragh co tric tighinn oirnn.” Ach iomradh cha robh air a sud, Am feadh sa bha gu leor Ri fhaotinn bh’ uam. ’S ann theireadh iad— “Na smuainich air ’s thù beò”. Oir bha gu leor an sin a’ m’ laimh, ’S fios ac’ air an dòigh— Na ’n cumadh iad gun oighre mi, Gu’m faigheadh iad mo stòr. Ach dh’fhalbh mo stòras leis a ghaoith, ’S tha traoghadh air an òr; Is théich mo chairdean uam gu luath, ’N uair chual gu’n d’ fhalbh mo stòr. ’S cha be mo choire b’ aobhar da, Ach mi-fhortan bhi ’n dàn; A dh’ fhèudas éirigh do gach neach Ged’ bhios e ’n diugh gle làn. A nis na’m biodh a bhean agam, Ged b’ann sa bhothan dhuint’; ’S math dh’ fheudte gu’m biodh clann agam, A chur mo cheann sa ’n ùir. [TD 85] Ach crann leis féin, nach truagh leat e, Sa gheamhradh fhuar ’s e ruisgt’— Is ann mur sud tha mise ’n dràsd, ’S gu bràth bhios fear mo thùrn. ’S fear nach dean am pòsadh tràth, Ach chuireas dàil sa chùis; Cha ’n fhaigh e aon a sheallas air, ’N uair théid a ghrian air cùl; Ged’ bhitheas cuid is cuibhroinn aig’, ’S gach nì a mhiannaich crìdh’, Cha ’n fhaigh thu ach na thruaghan e, A nuas gu là a chrìch. TUIREADH SEANN MHAIGHDEAN. TIONNDAIDH nis a nall a nìonag, ’S innsidh mi dhuit féin mo bharail; Tha mi sean is tha mi aosda, ’S cha ’n eil faoineis nis air m’ aire. ’S na’m bithinse air comhairl’ fhaotainn, Mar a d’ fhaodas mi tho’irt seachad; Cha bhithinse an diugh co faontrach, ’S bhiodh fear laghach, aoighail, agam. [TD 86] Ach se rinn an tubaist’ dhomhsa, Mi bhi’m òisaich tràth san latha; Am fear nach gabhainn ’n diugh ra phòsadh, ’Maireach cha bhiodh è san ráthad. A cheud fhear thainig riamh ’am’ iarruidh. Bha e fiachail, ciallach, modhail; Ach bha rudeiginn a dhìth air— Bha e iosal anns an sporran. Bha fear eile tric ’am’ shuilean, Thug dhomh cùl a chur ri dithisd; D’ fhag e mise air bheagan réusan, ’S thionndaidh e ri biasdag eile. Sheas mi sin fad’ càraid bhliadhna, ’S thainig seann fhear liath ’san rathad; Làn de bheartas is de stòras,— Ach fear òg, ’s e b’ fhearr leam fháthasd. Bha iad sud an deigh a chéile,— Dh’ fhas mi èisleanach mu dheireadh; Cha robh aon a tighinn ’am’ iarruidh, ’S thigeadh roìneag liath a dh’ aindeoin. Thoisich preasadh ann am ghruaidhean, ’S, och, mo thruaighe! fhathast falamh; Bheirinn ’n sin mo mhaoin, ’s mo stòras, Gu’m biodh pòsadh ann domh fhathast. [TD 87] ’S i mo chomhairl’ dhuit a nìonag, Gun ’bhi strì ri nì nach faigh thu; Gabh an tairgse ’nuair is còir dhuit, ’S na bith caoidh sa bròn ’s thu falamh. A BAN-CHOMPANACH GA FREAGAIRT. CHA ’neil e fior mu’n mhaighdinn, ’S cha chreid mi thù ri ’m bhèo; Oir tha mi dhuit ’am’ cho-aoise, ’S co-ionnan air gach dòigh. Is dh’ fhaodainn a bhi pòsda, Le tairgseachan gu leòr; Is riamh cha d’ ghabh mi ’n t-aithreachas Nach deachaidh snuim san ròp. Is iomadh nighean eireachdail, A b’ aithne dhomhsa am là; A thilg i féin air alaban, Gun mhaith, gun ráth, gun stà; A thug a lamh do bhumailear, Nach “cumadh tiugh an càl”; ’S a dh’ òladh suas na cuachan Ged’ rachadh ise bàs. [TD 88] B’ fhearr leam gun bhi fuaighte, Le pòsadh truagh gu bràth; Na bhi mar sud g’ am chuaradh Le cruaidh-chàsan an sàs. Is iomadh te a chualas— Na ’n duraichdeadh i ràdh— B’ e latha dubh a buairidh, ’N là chuir i ceann an sàs. Tha mise ’n so gun uallach, Gun sgread, gun sgriachail phaisd’; Mo chùpan blàth an uaigneas, Gun mhaoidheadh is gun ràidh’. Cha ’n ionnan ’s iomadh truaghan, Th’aig bodaich chruaidh fo smàig; ’S cha suaipinn a bhi ’m mhaighdinn Do ’n bhean as fhearr ’san àit’. RANNAN AIR CLUINNTINN MU PHÒSADH CARAID. THA mise ’n so gu muladach An duigh a caoidh mo leir, Is companach air chompanach G am fhagail anns an fhéith; [TD 89] Tha fear is fear a posadh dhiu. Se faotinn coir air tè, Is mise, coid a dh’ fhairich mi Nach eil mi ’dol na’n deigh? Cha ’n e gu’ m bheil mo chidhe-sa Nis duile chuir air ghleus, No idir gu’m bheil m’ inntinn-sa Ag iarraidh bhi leam fein; Ach ’s iomadh nì nach aithris mi A thig air fear is tè, A chumas fad gun phosadh iad Ged ’s beag a shaoil leo e. Is tric a rinn luchd tuaileas An sgaradh luath le sgleo, Aon diu air fàs fuar dhuit, Is aon mar eibhleag bheo; Is tric a mhùth an inntinn Air an darna taobh, ’S an taobh eile cinnteach Nach rach’te chaoidh mar sgaoil. Is tric chaidh fear a chiuradh Le ùidh a chuir an tè, ’S nach gabh am bealach dunadh Le aon a tha fo ’n ghrein; [TD 90] Is tric chaidh nighean iulmhor A thoi’rt do ’n ùir gun cheil, Le fear bhi ga toirt dlùth dha, ’Sa chùl thoi’rt rith, na dheigh. Aig àm a bhris an t-slàinte ’S a d’fhag i chail gun chli; No thain’, am bas le fhàl oirnn ’S a ghearr gun sgà a sios, Am flùr bu bhoidhche dh’ fhasadh An garadh, dail, no frìth— ’S a d’fhag an gleann nan deur sinn S’ nach tog aon eil ar crì. ’Sa mhaighdinean; sa fhleasgaichean, Gun phosadh mar mi-féin No dh ’amais air na tubaistean A dh’ aithris mi a’m ’sgeul; Na biodh bh’ur crì fo dhubhachas Ged sheachain sibh an ceum Is eutruime ur curam e ’N ar cursa feadh an t-saoghail. Tha fhortan fein sa mhi-fhortan An ceangal ris gach neach, ’S an ni a tha ’s an ordugh dhuinn Gu bràth cha teid e seach; [TD 91] ’S bho’ n ’s ni a bha air ordachadh Am pòsadh o linn Eubha, Gun guidh mi nis gach solas doibh Tha dol a choir a cheil. DON GHAOL. IS iongatach da rìreadh an ni sin an gaol, ’S iomadh duine truagh chaidh a ruag leis ’s an t-saoghal, Geibh thu e co ard ris a bhan-righ fon chrun Geibh thu e co iosal an iochdran is umh’l’. An duine tha co borb ’s gun cuir fhearg daoine dhì ’S gun saoil thu nach eil aiteal don ghradh ud na chri, Bithidh te ’n aite eigin do’n feum e bhi striochd; ’S a bheir gach taobh is aill’ è gun chas is gun strì. Is iongatach da rìreadh an ni sin an gaol, Is iomadh mùthadh beachd a tha measg chloinn nan daoin’ An tè nach gabhain fein ged bhiodh ceudan na stòr, Bith’ fear eile air a deigh ’s as a h-eughmhais cha bheò. Far nach d’ thugainnse mo chùl airson crùn ’s an Rionn-Eorp, Is nach faic mi an tè am mìle thig a nios ri na dòigh, Bithidh gach coire oirr’ aig pairt, ach gu bràth is tu bheo, Ma bhithis t-inntin fein leat na mùth’ sa do sheòl. [TD 92] Tha nighinean co aillidh ’s a thaghadh tu roimh cheud, A thug gaol nach diobair do fhear nach robh d’ an reir, Ach ma bha ’n cridhe comhla ’s an inntin le cheil, ’S e sud a dfhag iad toilichte nuair thainig latha ’n fheum. ’S a nis ma ta o’n ’s iongatach an galar sin an gaol, Bi cinnteach as do chridhe fein mu ’n cuir thu ’n t-snuim nach sgaoil, ’S ma bhios tu bochd no beartach, no caimar thig an saoghal, Cha chuir e oirbh ach suarach, ’s ar cridhe luadht’ na aon. TO THE MEMBERS OF THE OBAN MUTUAL IMPROVEMENT SOCIETY. A CHUIDEACHD uasail a’ chomuinn bhuaghar, Do an suaicheantas “math a’ cheile”; Gu’n cuir mi smuaintean a sios an duan duibh Bho nach dual domh bhi leibh air chéilidh. Tha neart na h’ oige ’sa chuid a’s mò dhibh ’Sa ghrian ag òradh ’ur meadhon-là, Gach slàinte ’s eòlas, fhuair sibh mar stòras Gu math is comhnadh a thoirt do chach. [TD 93] Na’n sealladh muinntir air math a’ cheile, An ait’ an fhéinealachd tha ’s gach àit’, Is iomadh dachaidh ’m bheil bròn is éigheach A bhitheadh éibhinn le sonas àigh. Is faoin am focal theirt’ thar do ghualainn A thogas buaireas nach gabh cuir sios; Is beag am focal le tlus is caoimhneas, Bheir fois is aoibhneas a stigh do ’n chrì’. Na ’n cuirte clachan is cnaip gu taobh leinn An aite a’n sgaoileadh air feadh an ròd; Cha bhiodh tuisleadh co tric ga fhaotinn, Is cha bhiodh daoine co tric gan leòn. Gleidh do chuinnseas a ghnath gun fhiaradh, Is do bhriathran gu bràth da reir; Gheibh thu cliu agus meas mar oighreachd ’S gheibh thu aoibhneas a’d’ chridhe fein. TO THE OBAN MUTUAL IMPROVEMENT SOCIETY, 1881. THA sibh a nis air coinneachadh, A neartachadh a cheil’, ’S gu’r ’n eolas a cho’-phartachadh, Ni ’n iomadh tràth dhuibh féum, [TD 94] Ar beatha so is platha’ i, ’S is neo-chinnteach ar rè, O cuireadhmaid gach latha dhi Gu nì-eígin do dh’ fheum. Tha cunntas aig gach neach againn Ri thoirt an cùirt a’s àird; Mar bhuilich sinn na tàlantan A fhuair gach aon an dràsd; ’S air cladach cuan na Síorruidheachd, Nuair sheallas sinn ’n ar déigh, ’Se sin an t-agartas bhios cruaidh, Ma chaidh iad bhuainn gun fhéum. O, roinneadhmaid na beannachdan Fhuair sinn bho’n Tì a’s aird, Is togamaid le caoimhneas An dream a thuit gu làr, Thoirt misnich ùr do’n chridhe lag Is neart do’n tí tha fann, Thoirt réult an dòchais ris gu’n sùil, A stiùras iad troimh ’n stoirm. Is neo-chinnteach gach ni tha bhos, An ti tha ’n duigh gle àrd Ma dh’ fheudt’ am màireach bidh gun phlosg, Na shineadh air an làr; [TD 95] Is co a dh’ fheudas innseadh dhuinn Nach bi sinn féin gle luath, Am feum na cobhair sin ’san tràth Thug sinn do chach ’san uair. A nis ma ta sior leannamaid’ An caraid sin le buaidh, Thug fhocal fein mar lòchran dhuinn, G’ar toirt gu sonas buan; ’S a’ bheatha thug e dhuinn an so A chuir gu buil gach la, Le toradh trom a thoirt a’ mach A deanamh math do chach. TO THE MEMBERS OF THE OBAN FREE CHURCH MUTUAL IMPROVEMENT SOCIETY. THOUGHTS ON THE NEW YEAR AT THE CLOSE OF THE OLD. FAILTE dhuibh a chairdean ionmhuinn Tha bhliadhna ùr a tarruing dluth Anns am bi gach aon toirt failt’, Do chach a cheile le deadh rùn. Bliadhna falbh, bliadhna tighinn, Sinn ’nar seasamh aig a crìch; ’S iomadh eallach trom a thog i, ’S iomadh neach a leag i sios. [TD 96] ’S iomadh aon le fàilt’ is iomairt A ni iolach ri bliadhn’ ùr, ’S beag tha saoilsinn ciod am mulad Ni i liubhairt dhoibh co dluth. ’S iomadh càirdeas, daingean, làdair Tha mar stailinn tathte, teann, A bhios briste, ’s nach gabh càradh, Mu’m bi a laithean aig an ceann. ’S iomadh cridhe sunndach, gàireach, Tha ri àbhachd anns an àm, As an tig an osnadh shàmhach Is an acain, chràiteach, throm. ’S iomadh ni a’s beag a shaoil sinn ’Dh’ fheudas tighinn ’n taobh stigh d’ a cuairt, Sinne tha gu cridheil, aobhach, Feudaidh a bhi anns an uaigh. A nis bho’n tha gach ni co dorch’, Gun fhios gun fhorbhais ciod tha dluth, Biodh ar taic air gairdean laidir Riamh nach d’fhailnich aig an stiuír. Co dhiubh thig trioblaid, bròn, no amhghar, No bhios cairdean leinn na bh’ uainn, Bheir E neart a reir ar là dhuinn ’S cairdeas domhain, daingean, buan. [TD 97] RANNAN DHOIBHSAN D’ AM FREGAIR IAD. A MHUINNTIR mo ghaoil, Cothaichibh! cothaichibh! A mhuinntin mo ghaoil, Cumaibh a suas. Ged bhios sibh g’ ar saruch, ’S andòchas g’ ar bathadh; Na geillibh gu bràth dha, ’S geibh sibh a bhuaidh. Ged bhitheas an saoghal, G’ ad thiunndaidh ’s g’ ad aomadh; ’S thu bitheanta saoilsinn, Gu ’m feum thu bhi nuas. Na cuireadh sud sgà ort, Do ’n smuain thoir a bharlinn; Is seas, is bi ladair, Is gheibh thu a bhuaidh. M’ as curam an t-saoghail No eagal roimh dhaoine, No smuaintean air faonais, A chuir thu fuidh ghruaim; Bi fearail, bi stuama, Is seas ris a chruadal; ’S bheir freasdal mun cuairt e, Gu ’m faigh thu a bhuaidh. [TD 98] Biodh onair is ceartas, A cumail do neart riut; Is dochas neo-mheata, ’S an lamh a ta shuas. Le creideamh neo-sgáthach, Na fhocal nach fàilnich: ’S gun toir e gach là thu, Troimh ’n fhàsach le buaidh. Rannan air note pund Sassanach, a bha na pabaig shalach shrachdte, a fhuaradh ann am malairt ’o sheann, bhean, aig an robh ainm airgoid a bhi, agus a bha ’ga aicheadh. THA thus sin a phrabag ragach, Ribach, robach, phrabach, thruagh; Meadhon sràchdte, aodan salach S blà na dosguin air do ghruaidh. Fhreagair i. “O, cha’n ioghna mi bhi prabach ’S iomadh car a chaidh mi, luaidh; S iomadh aon a dh’ fhag mi sona ’S iomadh aon am’ dhèigh bha truagh.” Thubhart mise. “Suidh a sios is inn’s do naigheachd, Is na greas ro ealamh bh’ uam; Bheir mi fein dhuit aite am fan thu ’S fasgadh tighe a bhios buan.” [TD 99] Fhreagair i. “O, cha’n fheud mi fuireach agad, ’S alaban fo’m chois is ruaig; Cha luaithe a tha mi ann am baile Na tha mi le cabhaig bh’ uaith.” ’N tiom a b’ fhaid a fhuair mi dh’ anail, B’ann aig cailleach Eachain Ruaidh Shnuim i mi am mogan stochdaidh An shottle ciste glaiste, cruaidh. Luidh mì ’n sin fad iomadh latha N’toit g’am dhalladh, call mo shnuadh; S bhoidicheadh a chailleach charrach Nach robh aic’ aon fhardean ruadh. Ach air dhi bhi mach air chéilidh Thainig reubanach mun cuairt; Tholl an anainn bhris na glasan S fhuair mi cead na coise uaip Ach ma fhuair cha b’ fhada mheal mi, Chaidh an toir na ’r déigh gu luath; Thug iad mi a sàil na broige, ’S crois is céir chaidh air mo ghruaidh. Sheas mi air là mòr na cuirte ’S thug mi fianuis measg an t-sluaigh; Fhuair a chailleach air a h-ais mi ’S fhuair am bàs i fein gu luath. [TD 100] S ged bu chruinn a sgriob i comhla Am bonn òir ’s an sgillinn ruadh; O bu bhraise chaidh a sgaoileadh Na ni gaoth am moll a ruag’. Leum na cairdean air a cheile, Mu’ n robh n creutair fuar san uaigh; Bha ’n luchd-lagha na’n cuid féin deth Is gach aon ri strepaid chruaidh. Och mo leiridh na’m bu ni e Bhiodh ra innseadh anns an t saoghal— A chailleach dh’ fhaotinn comas eiridh D’haicinn n’ diol a bh’ air a saoithir. O sann aice a bhiodh an caoirean An och! och! san guileag truagh, Cach a faotinn math a cuibhroinn Is i fein dhol bàs le cruas. ’S iomadh puithar agus bràthair, A tha ’n drasd aice measg dhaoin’; ’N cuid na luidhe meirgadh làmh riu ’S féum gu leòr dha air gach taobh. Gabh-sa rabhadh nis bho ’m òran Is do dhorn na gleidh co duint’ Dean-sa math le ’d’ stor ’s tu lathair— Sgaoileadh càch e’ stu san ùir. [TD 101] NA LAITHEAN A DH’ FHALBH. NA laithean a dh’ fhalbh Is tric iad am chuimhne; Na laithean a dh’ fhalbh Cha till iad nis mo. An comunn bha cruinn leam Tha nis ann am chuimhne, Tha cuid dhiubh nach faic mi, ’S an t-saogh’ls’ ri’m bheò. Tha bealach is bealach A ’nis air a bhriseadh, Tha bealach is bealach ’Sa chròilean bha cruinn. Tha cuid fuidh na leachdan ’S iad iosal nan sìneadh Tha cuid anns na H-Innsean Is sinne gan caoidh. ’Sged thilleas ruinn pàirt dhuibh Is mòr diubh a dh’ fhag sinn ’S tha bearnean san aite A b’ abhuist a bhi slàn. Nuair thrusas mi nìos iad A seomar na h-inntinn, A mheud ’s’ tha gam dhì dhiubh ’Se lion mi le cràdh. [TD 102] Tha maighdeanan uasal Fo’ bhrat an fheur uaine Is duslach na chlusaig Gle fhuar fo’ an ceann. Is dlù doibh sa chill ud Na companaich dhìleas A thogadh mo chridhe Tha nis a fàs fànn. ’S tha mise air m’ fhagail Mar stoc anns an fhàsaich, Fo’ chùram an làmh sin Thug fabhar neo-ghann; Gun fhios coid an riasan An deachaidh mo shiabeadh Is cach air an iarraidh Bho’ m’ chliathaich ’san am Ach thusa a dheonaich Dhomh dail ann an trocair Cha ’n’ fheud mi bhi feoraich De’n riasan a thann; Ach teagaisg gach là dhomh Bhi deanamh mar ’s aill leat ’S aig aiseag a bhais Thoir mi sabhailte ’nùll. [TD 103] AM POST. THA ’m Post a’ so, tha ’m Post a’ so, ’Sa mhàilead air a dhruim, Is iomadh naigheachd chudramach, Tha ceangailt aige cruinn. Is iomadh aon gle mhuladach, ’San cridhe goirt ga chlaoidh, Gheibh faochadh agus furtachd uaith Nuair d’fhuasglas e an t-snuaim. Is iomadh aon tha aighearrach Làn caithream agus sunnd, A chuireas e fo smalan iad Gan leagail sios fo ’n tuinn. Tha ceum a phost, tha ceum a phost, Nis dluithe, is nis ’dluith Is beag tha e’ smuainteachadh, An cùram th’ air a chùl. Am post a nis gun d’ thainig è ’Is suil ris air gach taobh, Tha naigheachd breth is bàs aige, Tha barlin agus aont, Tha geallaidhean ga’ n daighneochadh S gun taing g’am briseadh suas, Is iomadh ait an d’thoir e aoibh ’San d’ thoir e gaoir is gruaim. [TD 104] Tha litir ann do ’n nionaig ud, Bha o chionn tiom fo leon A caoidh an fhir bha dilis dhi A dh’ fhalbh gu tìr an òir. As ràdh gu ’n dfhuair e soirbheachadh, Na chuibrionn is na stor; Sa bhoid gu ’n dean e fhuasgladh, ’S bean uasal dhi r’a beo. ’S tha so ann te, le samhladh dubh, ’S i ’naisgte measg a chor, Bheir naigheachd thruagh do’n teaghlach ud Le eigheach agus bròn. Tha mac, than aon mhac gradhachse, Am maraich’ ladair treun, Sa ghaineamhach bhain na shineadh, Am fairge rioghachd chéin. Bu bhlà, bu chaoimhneil cairdeil e, Is b’ àilhdh e measg chèud, Be aon chultaic’ a mhàthair e ’S i ’n duigh ga cràdh na dhéigh, Is te nach dean mi ainmeachadh, Gu goirt a sileadh dhèur, Is iomadh oidhche ainmheineach A chuimhnicheas i n’ sgeul. Ach nis gun, teirgidh ùine dhomh, Bhi ’g innseadh mu gach nì, [TD 105] Tha ’m pàc a phost nuair chi sibh e, A nios sa sios le sgriob, Is iomadh aon gle bhuaireasach, ’Do ’n toir e fuasgladh crì Is iomadh aon nach smuaintich e, A bhuaileas e a sios. Cha ’n fhaic mi post, cha ’n fhaic mi post, Nach e so smuain mo chri’ O ’s iomadh ait an d’ thoir thu lot ’S an d’ thoir thu slaint is sìth, Is se mo ghuidhe anns gach trà, Do’ n Tì gu brath nach treig— Gu ’n d’ thoir e fuasgladh anns gach cas, ’S gach ait a chi e feum. THE POSTBOY. TRANSLATED BY PROFESSOR BLACKIE. THE postboy comes, the postboy comes! I see him on the road, With, on his back, of weighty news, I wis, a goodly load! Full many a careful, clouded eye, That wept a cheerless lot, Will brighten up that hour, I ween, When he unties his knot! [TD 106] There’s many a heart that’s joyful now, And gay with flaunting show, That post will dash them to the ground, And whelm in waves of woe. With careless step the postboy comes, And dusts along the track, But little thinks what weight of care He bears upon his back! All eyes are strained to see him come; And hope with fear doth sway, For news of death that he may bring, Or tax, or rent to pay; For news of bargain firmly struck, Of promise loosely broken, Of faith that blossomed into joy, Of faithless lover’s token. A letter comes to that fair maid, That for three months and more Has wept her love, who wandered far Beyond the Atlantic roar; And now he writes that all is well, And he has gold in store; And she shall claim to share his bliss On San Francisco’s shore. A letter comes that darker makes That mother’s clouded brow; [TD 107] If she did fear before, her fear Shall flood in sorrow now? Her son, her only son— The bravest in the land; Her sailor boy lies breathless now, Wrecked on the far sea strand! How mild was he, how blithe and free, Light heart and manly brow; His mother’s pride and prop, her sting Of sharpest sorrow now! Now many a night she sleepless lies, With this her only joy, To tell the story to her heart, Of her poor sailor boy. But why should I go on to tell What hath no end of telling, What gladness springs from every post, What founts of grief are welling. There’s many a man of grief to-day, This night will staunch his sorrow; There’s many a son of pride to-night, Will kiss the sod to-morrow. The post, the post I never see But in my heart I ponder, What bright surprisal here may be, What red wound bleeding yonder! [TD 108] While to my Father-God on high, I lift the prayer that He, With helpful grace may still be nigh, Even as my need may be! DO NEOINEAN A BHA A CINNTINN GU DOSRACH URAR FO BHLATH AIR AN RATHAD MHOR AIR MADUINN NA BLIADHNA UIRE, 1868. FONN—“Mo Nighin dubh cha treig mi”. B’ANN air maduinn na bliadhna uire, Ann an duidachd geamhraidh, A chunnaic mise neoinean aillidh, S’ e mar bhlàth an t-shamhraidh. Cha b’ann fo churam gàradair, No’m bruachan blà an alltain, Ach air rathad mòr an rìgh, Gun sion do fhasgadh ann da. Bha crodh is caoirich air gach taobh, ’S gach bileag fhaoin ga chreim ac, Ach saltairt air, no beanntain ris, Cha robh ann aon a rinn e. [TD 109] Bha ghucag geal le bile dearg, Bu mhais do ghruaidh bean bainnse, ’S gach duilleag uain mar roth mun cuairt Ga dhion o fhuachd ’s o chranndachd. O sann mar sud tha iomadh neach, ’S iad ruisgte ris an t-saoghal, ’Tha deuchain, plaigh, is buairidhan A cuairtachadh gach taobh dhuibh. Ach ged a d’ fheud gach cruaidh-chas ud An cuir gu bruach na h-eigin, Gidheadh, gu brath cha tuit iod sios Is lamh g’an dion nach leir doibh. An ’Ti a ghleidh an neoinean faoin Tre mheadhon geamhradh gailbheach, Gu ’n gleidh tre gheamhradh ’n t-shaoghal so Gach neach a laimh a dhearbas. BARDIC SALUTATIONS. The following three verses were composed by Mr. John Campbell, Ledaig, and sent along with a sprig of heather, a daisy, and a primrose, to his friend and brother bard, Mr. Neil Macleod, Edinburgh, in the beginning of May, 1882. THÀINIG sinn’ bho thir nan àrd-bheann, Tir a’ chaoimhneis, tir a’ chàirdeis, Dh’ fhaicainn fear a dh’ fhàg ar ’n àite ’S a thoirt na dh’ fhàs ann ’ris gu chuimhn’. [TD 110] Badan fraoich bho thaobh na mòr-bheann, Neònain bàn, ’s an t-sòbhrag òr-bhuidh’, ’Thilleas Earrach caomh ar ’n òige ’Ris ’n ar coir am measg nan gleann. ’N uair a gheibh thu ’n taod mu d’ ghuailibh, Stiùir do cheum do ’n tir ’n iar-thuath so, ’Us gheibh thu fàilte nach bi fuar ’S an Ledaig uain’ ri taobh nan tonn. On receiving the above Mr. N. Macleod sent the following bardic reply. CIAD fàilt’ ort féin a bhadain fhraoich Bho thir nan aonach àrd, An tir a dh’ àraich iomadh laoch Ge sgaoilt’ an diugh an àl; Tha tuar mo dhùthcha air du ghruaig Seasaidh tu fuachd ’us blàths, ’S e mheudaich dhomh cho mór do luach Gu ’n d’ fhuair mi thu bho ’n bhàrd. ’Us thusa ’neònain bhig gun ghò, Cho bòidheach, bileach, tlàth, Ge duilich leam thu bhi cho òg Air t-fhògradh fad ’o chàch; Tha eagal orm gu ’n searg do ghruaidh, ’S nach bi thu buan no slàn, Ach gheibh thu càirdeas, bàigh, ’us truas, Bho ’n fhuair mi thu bho ’n bhàrd. [TD 111] ’Us sóbhrach fhinealta nam bruach ’Bu tric a bhuain mo làmh, ’N uair ’bha mi aotrom òg, gun ghruaim A’ cluaineis mu na blàir; ’S ann leam is ait do theachd air chuairt Cha luath bho thir mo ghràidh, ’S ni mise t-altrum suas le uail Bho ’n fhuair mi thu bho ’n bhàrd. ’Us mar a thachair dhuibh ’n ’ur tri Bhur tir a chall cho tràth, ’S bhur sgaradh bho na comuinn ghrinn ’Bha leibh bho là gu là Sin mar a thachair dhòmhsa féin, Ach ’s éiginn géilleadh dhà, ’Bhi caoidh na dh’ fhàg sinn as ar déigh Cha dean e feum no stàth. Gu ’n robh gach lus is àile cliù ’S an Ledaig chiùin a’ fàs, Biodh dreach an gnùis fo’ dhealt an driùchd, Mar lôn do shùil a’ bhàird, Biodh gaoth nam beann, ’us gàir nan allt, Le ’n crònan fann gun tàmh, Mar cheòl dha chluais ’g a dhùsgadh suas, A dheanamh dhuan ’us dhàn. [TD 112] FAREWELL TO LOCHABER. BY CHARLES MACKAY. (TRANSLATED BY JOHN CAMPBELL, LEDAIG.) AR cead le Lochaber, ar cead leis gach gleann Gach sruthan, gach coire, gach srath agus beann; Ar cead, O! ar cead leat a chladach an àigh, Oir dh’ fheudt, do Lochabar nach till sinn gu bràth. An smùdan sa mhaduin cha ’n fhaicear dol suas, ’S tha dachaidh ar n’ aithrechean falamh is fuar, An t- aran do’n chosnaich, a nis chaneil ann, Is sinne cha till do Lochabar na ’m beann. Anns na laithean a df’halbh, anns na linntean a bhann, B’e saoibhreas ar rioghachd treubhantas a clann Se feidh is eoin-ruadh a fhuair ’nis ar n’ ait’, ’S math dh’ fheudt’, do Lochabar nach till sinn gu bràth. Bu shunndach a sheasa’ mid’ saorsa ar tìr, ’S a dhoirteadh gach boinne d’ ar fuil chum a dion, Ach tha daoine gun dochas, mar fheamiunn air stuadh Is sinne cha till do Lochabar nam buadh. ’S ar cead le Lochabar, ’san ceo air gach beann, Na sruthan bheag chaisleach gaeh srath agus gleann, Ar cead leis a chladach co àillidh ’s co fàs, Oir sinne cha till do Lochabar gu bràth; [TD 113] Ar cead, O! ar cead leat, ach sgriobht’, air ar crì, Tha d’ ainm dhuinn na shamhladh air dachaidh na sìth; San sonas a bh’ againn cha till ruinn an tìm Tha e caillte an Lochaber; caillte! caillte! gu sior. “ILKA BLADE O’ GRASS KEPS ITS AIN DRAP O’ DEW.” EARBADH sibhs’ a’ freasdal, is bith freasdal caoimhneil ruibh, ’S gach caochladh beatha giùlanaibh, le inntinn stolda chiuin; ’S nauir bhios sibh dùinte air gach taobh, le càs is éigin chruaidh Biodh agaibh créidimh ’s dòchas maith, ’s gun teagamh gheibh sibh buaidh. FONN. Gach cuiseag ’s duilleag fheoir tha fàs, an lòn no’m fàsach chruaidh, Tha’ boinne féin do ’n drùchd a thàmh, air bàrr gach duilleag uain’. ’S nuair théid ar cairdean ’rèubadh uainn, no crois no cruaidhchas gaoil, Mar dh’ eireas do gach aon a bhós aig àm no uair d’ an saoghal; [TD 114] Nuair bhios an crì gu cruaidh ga chlaoidh ’s na deoir a ruith gu dhù, O créid gur ann airson do mhaith, ’s gu faic thu sin ri ùin’. ’S nuair thig an Samhradh fada tèth, ’s an spèur gun nèul gu’n drùchd’, A diùltadh boinne beag de uisg’, do luibhibh maoth na dùthch’; ’N sin thig an oidhch’ le h-anail chaomh, ’s bidh loìnntibh uain’ ’us ùr, ’S a bhoinne féin to’irt beo bho’n èug am fèur bha ruadh gun sùgh. Mar sin ’nuair dhearsas fortan oirnn’, chum nach tog spòrs sinn àrd; Is ann ar spòrs gu’n dichuimhnich, na deoir a shiob bho chàch, Tha fhathast bochd na’n imcheist ghoirt, gun neach a ni riu bàigh, Thig neoil bheag dhorc’ de thrioblaid oirnn’, bheir mach ar n’ iochd ’s ar bàigh. [TD 115] TRANSLATION OF “THE STARLESS CROWN”. “Agus dealraidh iadsan a thionndaidheas mòran gu fireantachd, mar na reùltan fad saoghail n’an saoghal.”—DAN. XII. 3. FÀNN is sgìth le cùram saoghalt’ luidh mi sios gu suain, Is sealladh glòrmhor chunnaic mi ag’ eiridh romham suas; An codal air leam gu’n d’ thuit, an dorchadas na h-oidhch’ ’S guth aingeal neamhaidh chuala mi; ’s an seòmar lion le soills’. Bhean e rium is dhùisg e mi le cagar caomh ag’ ràdh— “O thus’ tha’ d chodal éirich, ’s am dheigh-sa thig gun dàil Dh’ éirich mi is lean mi e, ’s an saoghal dh’ fhag na’r déigh, ’S bha gloir na’ neimh, gu fior-ghlan, ciuin, a dearrsadh air ar ceum. Air aghart, chaidh sinn, ’s m’anam bha, le sonas sàmhach làn, Le ioghnadh cia mar bhiodh a chrìoch, no ruigeadhmid’ an tàit’; Cha’n fhios domh cia mar chaidh sinn, troimh, rathad dearrsach glan, ’Am priobadh thainig mùthadh orm, ’s eudaicht’ bha mi ’n geal [TD 116] ’N sin balla bhaile rainig sinn; bu ghlòrmhor e a’m bheachd A shraidean bha do neamhnuidean, ’s do’n òr bu deirge dreach; ’San latha cha robh feum air grian, no coinneal anns’ an oidhch’ Oir gloir an Tighearn bha an sin, ’s e ’n t-Uan bu sholas ann. Bha aingil dhealrach feadh na’n sraid, ’s an t-athar làn de cheòl; Is as gach dùthaich bha na naoimh, le crùinibh maisach òir; Is cuid a ghràdhaich mi a bhos, mu’n cuairt na caithreach sheas, A seinn ’sa moladh cliù, an Uain, ’s a ghlòir a mhain is leis, Mo Shlanuighear chunnaic mi an sin’ ’s e sgiamhach thar gach aon, ’S ’n uair dh’ amhairc mi gu’n d’ sheall e orm le sealladh làn do ghaol Gu h-ìosal chròm mi sios na làth’r, le sonas nach gabh inns’, ’Gu’n d’ rainig mi mo dhachaidh shuas, ’s gu robh crioch air tìm. ’Am briathra soluimnt’ thu’ airt e rium Ca bheil a nis do chrùn, [TD 117] Is cait a bheil gach neamhnuid a thigeadh ann bhi dlùth? Tha fios agam gu’n d’ chreid thu mi: is leat a bheath’ is fearr; Ach cait am bheil gach rèult’ le soills’ bu’ choir a’ d’ chrùn bhi dearrs? Seall air an aireamh mhòr tha ’n so, ’s air clàr an eudainn result’, Air son gach aon a threòrnaich iad am’ ionnsuidh-sa gu nèamh; B’e sin do dhuais-sa mar an ceudn’, na’n deanadh tu an gnìomh, Na’n treoraicheadh tù coigreach truagh ’san t-slighe dh’ ionnsuidh sìth. Slighe na beath’ cha d’ chiallaich mi gu’n trialladh tù leat fein Ach gu’m biodh solus deàrrsach glan a ghnàth mu’n cuairt do’d chèum A thàlaidh anama brònach sgìth gu’m dhachaidh shiochail shuas A’ ’d’ bheannachadh bhiodh tù ’san tìr, ’s beannaicht’ bhiodh gach uair. Mar fhaileas dh’ fhag an sealladh mi; an guth a nis bha balbh, Bha uamhas mòr na luidhe orm nach gabhadh cur air falbh, [TD 118] Mu dheireadh thionndaidh mi mu’n cuairt, bha fàir na maduinn dlùth Mo spiorad thuit le smuaintean tròm na h-oidhch’ bha nis air cùl. ’N sin dhéirich mi, ’s shil mo dheoir, air thalamh gu’n robh mi, Is cothram fhathast gu’n robh ann gu’ éiridh suas gu strì: Gu’m feudainn fhathast innseadh mu Ios’ is mu’ ghràdh, Is anam bochd a theoraicheadh ’san t-slighe dhionnsuidh slaint’ ’S gu ceann mo chrìch air thalamh bhos mo shuaicheantas gu’m bì— “Cha bheò nis faide mi dhomh féin, ach dhas’ a ghradhaich mì Oir domhain sgriobt’ a’m’ chridhe stigh tha focal so mo Dhè Gach neach a thionndaidh’s peacach truagh, mar reult gu’n dealraich e. FOCAIL a chaidh a sgriobhadh air son an cur air Organ Ban-Iarla- Bhràighid-Albuinn. Thig crioch air an t-saoghal, Ach mairidh gaol is ceòl.