[TD 1] CROFT CULTIVATION. BY AN OLD CROFTER WITH A GAELIC TRANSLATION BY JOHN WHYTE. INVERNESS: PRINTED BY R. CARRUTHERS & SONS. 1885. [TD 2] [Beurla] [TD 3] MU AITEACH CHROITEAN, A chionn gun do chaith mi a’ chuid mhor de m’ bheatha fhaide am thuathnach agus am charaid do na croitearan, chaidh iarraidh orm earailean freagarrach a sgriobhadh air an son, a chum an cuideachadh gu ruigsinn air tuilleadh soirbheachaidh na ’n cuisean tuathnachais na tha aca gu coitcheann. Feumaidh mi, ge ta, buintinn ri cuid a phuincean anns am bi mo leughadairean nach d’ ionnsaich tuathnachas, an teagamh an urrainn daibh aontachadh leam. Is e a’ chiad mhearachd a tha an croitear a’ deanamh, a bhi ag iarraidh tuilleadh fearann-àitich na is urrainn do theaghlach cuimseach fhior “oibreachadh,” gun saothair luchd-tuarasdail, no obair each. Ach iadsan a tha a’ cumail eich, no a’ paidheadh tuarasdail air son seirbheis, cha chroitearan no coitearan a tha annta, ach tuathnaich. A nis is ann air son chroitearean agus choitearan a mhain a tha mi a’ sgriobhadh. Tho fios aig a’ h-uile tuathnach tuigseach, eolach, gur nì e is miosa na amaideachd a bhi a’ cumail eich far nach ’eil gu leoir a dh-obair air a shon, agus gum feum e biadh agus aire gach là. Is gnothach gun teagamh e, ma ta, uach d’ “oibrich” croitear, le teaghlach cuimseach, riamh os cionn coig acraichean fearainn anns a’ bhliadhna, gun chuideachadh luchd-tuarasdail. Agus cha mhiann le daoine glice tuilleadh fearainn a bhi aca air son am feum iad mal a phaidheadh, na is urrainn daibh oibreachadh. Gu sonraichte bho ’n is gnothach cinnteach e, gun cum coig acraichean de thalamh air dheagh oibreach- [TD 4] [Beurla] [TD 5] adh, ann an aite sa bith an Taobh Tuath na h-Alba, a suas teaghlach cuimseach, anns gach ni iomchuidh a dh’ fheumas iad. Is firinn thuathnachais e cuideachd, nach ruigear leas duil a bhi ri barr trom am feasda, mur oibrichear gu domhain an talamh; agus is ann le piocaid, agus le caibe no gràpa (gobhlag) a mhain a nithear so. Tha coltas àitich gu tric air a chur air an fhearann le crann-treabhaidh agus le cliath-chliata, no leis an t-seann innleachd annsail, Ghaidhealaich, a’ chas-chrom, ach cha bhi am barr air an fhearann sin ach bochd an coimeas ris a’ bharr a thig as deigh a’ chaibe, no a’ ghrapa, ann an laimh dhichiollaich, eolaich. Tha croitearan agus an luchd-seòlaidh a’ cur mor mheas air “feurach-monaidh;” a’ ciallachadh le sin fraoch, raineach, agus feur garbh, fiadhaich, is lugha luach na iomadh gne luibheannaich. Gheobhar gun teagamh rud-eigin de bheathachadh anns na lusan sin, ach cha lugha na gobhar no cearc-fhraoich a dh’ itheadh iad, mur tugadh am fior acras orra, agus an duil gum faigh iad, aig àm iomchuidh, biadh brioghmhor, freagarrach. Gus a sin, tha gu leoir r’a dheanamh aig a’ chroitear m’ an cum e a spreidh air falbh as a thalamh-aitich, a chionn gu bheil iad gun tamh an geall air lan beoil de bhiadh is fearr agus is buannachdoire, agus le cion sin, is tric a chithear iad a’ tilleadh as a’ mhargadh gun tairgse. Is e fior bhuannachd “feurach-monaidh” a’ chroiteir, gu bheil inntinn rud-eigin sona aige (ged tha fhios aige gu bheil ’ainmhidh ga chumail beo air an fhior eiginn air fraoch agus luibheannach) a chionn gu coitcheann nach ’eil e ri fhaicinn bho ’n chroit, agus mar so nach ’eil e na dhiol-truais follaiseach. Tha na nithean so air an aideachadh leis na h-uile thuathnaich agus gharadairean eolach agus foghluimte, agus tha iad fior mu fhearainn chroitearan agus choitearan ach beag ann an Albainn gu leir. [TD 6] [Beurla] [TD 7] Tha cuid a nithean eile ann a tha cudthromach do na croitearan a reir an aite anns am bi iad, &c.— 1 A chuimhneachadh nach ’eil, am Breatunn, barr ann a phaidheas an tuathnach cho bochd ri gràn de gach gnè, an uair a bheirear dheth cosdas oibre, agus siol-cuir, agus, anns an Taobh Tuath, blàths na greine. 2. Nach ’eil gne àitich ann a phaidheas cho math anns an Taobh Tuath ri barr uaine air son beathachadh stuic, no air son bainne. Ann an duthchannan grianach, tioram, far an cinn gràn gu math, chan urrainn daibh barr gorm air son stuic a thogail an coimeas ris a’ bharr a dh’ fhaodas a’ chuid mhor d’ ar croitearan a thogail gach bliadhna, ma thogras iad. Agus a’ mhin choirce mhiadhor, a tha na croitearan gu h-amaideach a’ caitheamh moran d’ an cuid gach bliadhna ga togail, tha i ri fhaighinn anns gach aite. Is firinnean iad so d’ am bu choir do gach croitear agus gach coitear Gaidhealach an aire a thoirt, ma tha toil aige soirbheachadh le barr trom agus stoc math. Tha moran de dh-fhearann nan croitearan nach ’eil na “fhearann-àitich” ach mar ainm; agus m’ an toir e seachad barr math, feumar a chlaiseadh, a ghlanadh, a thiormachadh, agus aoladh. Ann am moran chroitean mòintich, goirid an deigh an clais-thiormachadh, tha grinneal, no criadh, gu coitcheann ri fhaighinn dluth air uachdar an talaimh; agus bheir am fo-thalamh so seachad barr anabarrach, an uair a theid aoladh, an deigh a mheasgachadh leis a’ mhointich an àm a chlaisidh. Ann an cur aoil air fearann sa bith, feumar an aire thoirt gun sgaoilear tioram e (abraibh deich bolla air an acair) na dhus cho mìn ’s gun teid e gu grad as an t-sealladh. Ma sgapar an t-aol thairis air an talamh gun bhi tioram, tha tuilleadh ’s a’ choir a’ tuiteam an sud agus tuilleadh ’s beag an so, agus tha freumhan nan lus air an losgadh ann an aon aite, agus ann an aite eile chan fhaigh iad aol idir. A bharr air so, leis gu bheil [TD 8] [Beurla] [TD 9] magnesia ann am moran de dh-aol na Gaidhealtachd, tha e a’ milleadh na talmhainn, am feadh a tha aol a thig a Sasunn, agus a Làrn an Eirinn, leis gu bheil e fior-ghlan, ro luachmhor gu cur air aghaidh cinneas a’ bhàrra. Tha gainmheach mhin, shligeach, ri fhaighinn an cuid a dh-aiteachan anns an Airde-an-Iar, a fhreagras gu ro-mhath, ma sgaoilear gu tana air an talamh i. An uair a tha talamh-àitich na croite air a chlaiseadh, air a thiormachadh, agus air aoladh, tha e ullamh air son bàrra choitchinn sa bith; ach mar is trice chan fhaigh bo a’ chroitear, a bheireas toiseach na bliadhna, nì ri itheadh ach biadh tioram, rud a tha a’ fagail a’ bhainne gann. A chum so a sheachnadh, ma ta, cho luath ’s a bhios an talamh air son buntata na h-ath bhliadhna lom gun bharr anns an fhoghar, ni an croitear glic an talamh a dheagh mhathachadh, agus comharraichidh e a mach air, sreathan buntata na h-ath bhliadhna. An sin, eadar na sreathan sin, cuiridh e sreath de sheagal, a bhios gu goirid troimh ’n talamh, agus an deigh uisgeachadh gu minic a lub-an-dùnain, cinnidh e cho bras anns an earrach, ’s gun coinnich e tarsaing air na sreathan a chaidh a chomharrachadh air son a’ bhuntata (a bhios an t-asdar cumanta bho cheile) agus a theid a chur le pleadhaig anns a’ Mhàrt. M’. am bi coilleagan a’ bhuntata ach beagan oirlich os cionn na h-ùrach, bidh an seagal na rùsg reachdmhor, tiugh, gorm, thairis air an talamh gu leir, deas air son a ghearradh tri uairean, agus cha ruigear a leas fheoraich de’n bhòin an toigh leatha e. An deigh a’ ghearraidh mu dheireadh theid gach sreath sheagail a ruamhar anns an talamh, agus ni e mar so mathachadh ciatach do ’n bhuntata. An sin mu ’n chiad seachdain ann an April, ma tha an croitear glic, teannaidh e ris an leaba de ’n Phrickly Comfrey, a bu choir a bhi a nis mu choig oirlich dheug [TD 10] [Beurla] [TD 11] air airde, agus a tha na bhiadh anabarrach math do gach gne stuic. Tha an Comfrey air a chur na shreathan, de mhirean air an srachdadh as na seana phluic. Ma tha an talamh laidir, agus nach ’eil an t-aite ro thioram, cinnidh e gu ciatach; agus anns an dara bliadhna agus na bliadhnaichean a leanas, le a bhuain ceithir uairean eadar April agus October, bheir e seachad bho 80 gu 100 tunna an t-acair de bhiadh gorm, ciatach; agus is gann a tha e comasach cur as da le droch ghiollachd sa bith. Is e an ath bharr gorm a bu choir a bhuain, agus sin beagan an deigh a’ Chomfrey, an Lucern, lus a tha mar gum b’ eadh eadar an clover agus a’ pheasair fhiadhaich. Tha an spreidh ro thoigheach air, agus cha dean e coire dhaibh mar a ni an clover air uairibh; cuiridh e sios a fhreumhan cho domhain ’s gur gann a ruigeas an tiormachd is mò air, agus ann an duthchannan blàtha faodar a ghearradh ochd uairean anns a’ bhliadhna, fad fhichead bliadhna, ged a tha sinn toilichte ’s an duthaich so le ceithir gearraidhnean anns a’ bhliadhna, gach aon diubh mu dha no tri throidhean air airde! Bho ’n is e so is barr do ’n Lucern gu coitcheann, chan ’eil e doirbh ri fhaicinn a’ bharrachd a tha aige air feur-cuir agus air clover. Bu choir am fras a chur air talamh air a dheagh oibreachadh, agus a roladh fodha, cho trath anns a’ Mhart ’s a cheadaicheas an aimsir, agus chan fhada gus an cinn e na rùsg grinn, gorm, agus ma tha an talamh ann an suidheachadh math, gheobhar uaith, m’ an tig an geamhradh, dà bharr, gach aon diubh mu ochd oirlich dheug air airde. Air an ath bhliadhna agus na bliadhnaichean a leanas, eadar May agus October, bheir e seachad ceithir gearraidhnean troma, agus mairidh e mar sin fad bhliadhnaichean. Ach bho ’n dh’ fheumas spreidh biadh tioram cho math ri biadh bog, bu choir do ’n chroitear leaba a [TD 12] [Beurla] [TD 13] shuidheachadh air son saidh-choirce, air a deagh inneireachadh, ri bhi air a gearradh cho luath ’s a thig an t-arbhar gu lan airde. Tiormaichidh e gu bhi na choirce-gorm ciatach, agus moran na’s brioghmhoire na cònlach. Is iad Seagal, Prickly Comfrey, agus Lucern, ma ta, am priomh bharr samhraidh a bu choir do chroitearan a chinneachdainn anns a’ Ghaidhealtachd, agus bheir iad dhaibh biadh gorm bho ’n Mhàirt gu October. Ach feumaidh iad cuideachd turnips agus càl-geal a thogail air son biadh a’ gheamhraidh. Is iad na “white globe turnips” is fearr air son crodh-bainne, agus ged nach ’eil iad cho fulangach an àm reothaidh chruaidh ri seorsachan eile, ma thogar iad m’ an tig an geamhradh a stigh gu teann, agus ma chuirear iad air talamh comhnard taobh ri taobh, a’ beantainn ri cheile, ni an duilleach fhein agus beagan conlaich no luachrach, air a chur thairis orra, an dion ach beag bho ’n reothadh is cruaidhe, agus sin fhein cha dean e moran coire dhaibh. Iadsan a tha ag earbsadh gu sonraichte ris a’ bhainne cuiridh iad, a bharr air turnip, cal-geal “Drumhead,” air son biathadh a’ chruidh bho October gu earrach; agus air eagal gum bi reothadh cho cruaidh ann ’s gun dean e milleadh air na “Drumheads,” mur gabhar moran dragh ga ’n dion, faodar cuideachd cuid de na “Drumhead Savoys,” a tha na ’s cruadalaiche, a chur. Feumar fras nan “Drumheads” a chur ann an leaba gàraidh ann an August, an cur a mach na ’n sreathan anns a’ ghàradh no anns an achadh m’an tig an geamhradh, agus anns a’ Mhàrt an togail as a sin gus an t-achadh far a bheil iad ri cinntinn, a’ toirt teann air slat de fharsaingeachd do gach gas. Is math leis gach seorsa cail gu leoir a dh-inneir, agus tha ròd ur na mara gle fhreagarrach dhaibh. Agus mar so tha aig a’ chroitear ghlic gu leoir mhor de bhiadh brioghmhor deas air son a chuid spreidh [TD 14] [Beurla] [TD 15] fad na bliadhna, air gach croit chumanta, Ghaidhealaich. Tha gne thuathnachais eile arm, ge ta, a tha na ’s freagarraiche do ’n chroitear agus do ’n choitear na do ’n tuathnach: is e sin Eoin-thighe agus Uibhean. Tha mu thuairean leth chiad muillion dusan de dh-uibhean chearc air an toirt a duthchannan eile do Bhreatunn anns a’ bhliadhna, agus a’ cosd do ’n luchd-cheannaich amaideach aireamh mhuillionan airgid gach bliadhna. Tha mi ag radh amaideach, a chionn dh’ fhaodamaid, le beagan teagaisg agus dragha, na h-uibhean sin a thogail againn fhein, mar tha mnathan nan croitearan agus nan coitearan anns na duthchannan sin gu dichiollach a’ deanamh, a chum ’s gum faigh iad greim air ar n-airgiod pronn-ne. Mar is trice tha cearcan am measg ar n-eoin-thighe nach beir ach mu leth-chiad ubh, gus an toisich iad air gur, agus iad an geall air eoin a bhi aca; agus an sin sguiridh iad car na bliadhna, am beachd, na truaghain, gun do rinn iad gu gasda. A nis air son an aon dragha agus chosdais a tha air a bhuileachadh air an leithide sin de eoin thruagh, faodar seorsachan is fhearr fhaighinn — feadhain nach gabh an gur ach ainmic, ma ghabhas iad idir e, as am faodar earbsa chur, ma theid an aire thoirt orra, gum beir iad 200, no an corr, de dh-uibhean mora anns a’ bhliadhna! agus chan fheumar moran sgoilearachd gu fhaicinn co iad cearcan is buannachdoire. Am measg na feadhain is fhearr diubh sin tha an seorsa ris an abrar “Black Hamburghs,” agus chan ’eil e doirbh stoc dhiubh sin fhaighinn. Is iad na prisean a tha orra ’s an earrach, a nis, ochd tasdain air seana chearcan, deich agus se sgillinn air na coilich, agus air an dusan ubh, ga’n cur fo’n chirc, deich tasdain. Tha so a’ sealltainn daor an coimeas ri prisean cumanta, ach air a’ cheart doigh tha a’ phris aig tarbh math Gallda [TD 16] [Beurla] [TD 17] ard an coimeas ri pris fir ghreannaich, Ghaidhealaich, bharr an “fheuraich-mhonaidh;” coma co dhiubh, chan fhada gus am paidh na cearcan agus na h-uibhean ud am fear a cheannaicheas iad, ma tha e glic, curamach. Tha fear de na tuathnaich-chearc sin ag innseadh dhomhsa, gun do reic e re bheagan bhliadhnaichean air ais, os cionn deich agus ceithir fichead mile de dh-uibhean nan cearc gniomhach sin, air son an gur. Agus aig deich tasdain an dusan, chuir e na sporan £3750. Iadsan, ma ta, a leanas air togail nan seorsachan bochda, cumanta, an uair a dh’ fhaodadh iad feadhain a b’ fhearr a bhi aca, bidh iad, agus tha iad a’ toilltinn a bhi, bochd agus gu truagh dheth. A chum ’s gun soirbhich gu math le eoin-thighe, agus gum bi iad na ’n tlachd agus na ’m buannachd, feumaidh réidhlein saor a bhi aca air achadh tioram feoir; acair fhearainn aig gach 100 eun, air son cead an cas a ghabhail, agus bu choir lìon a bhi m’a thimchioll. Ni baraille, no togaid mhor, tigh saor, math gu leoir do dheich cearcan, ma chuirear brat-tearra thairis air g’ an cumail tioram air an taobh stigh, agus ma theid dorus cailbhe a chur air dara ceann a’ bharaille air son teurainteachd, agus air son analach, anns an oidhche. Bu choir do ’n bharaille laidhe air da chabar cruinn, chum a chumail cho ard os cionn an talaimh ’s gun faodar nid air son uibhean a chur fodha. Bu choir sparrannan de bhuird chaola (chan iad maidean cruinne) a chur air an taobh stigh. Ach cha shoirbhich gu brath leis an eunlaith mur glanar an tigh a’ h-uile latha, cho luath ’s a thig iad a mach as. Ma chumar uisge glan riutha, agus ma bhiadhar gu riaghailteach iad, cuiridh na ni iad de dh-inneir iongantas air cailleach-nan-cearc; agus (ma chuireas i seachad tioram e) riaraichidh e an luchd-ceannaich aig prisean guano. [TD 18] [Beurla] [TD 19] Faodar am biadhadh, an tomhas mor, le buntata bruich air a phronnadh (cha chosd buntata meanbh ach fior bheagan) air a mheasgachadh le sadach, no pronn, no cruithneachd Innseanach air a bhruthadh, no càth, no cruithneachd no eorna bochd. Cosdaidh so rud-eigin fo aon sgillinn am punnd, agus cumaidh aon phunnd d’ an taois so, anns an t-seachdain, leis na ni i a sholar air a son fhein, a’ chearc ann an deagh shlainte, agus bheir e comas di paidheadh gu math air son a bidh agus a fardaich. Tha uibhean a’ gheamhraidh gu mor air an cur am feabhas, le bhi a’ measgachadh le biadh nan cearc, sgamhan no grumhan mairt no caorach, air a bhruich agus air a phronnadh; no seorsa air bith fheola; tha so a’ deanamh suas aite nan cnuimheag ’s nan cuileag a gheobh na cearcan air an achadh ’s an t-samhradh, agus air a bheil iad cho toigheach. Is iomadh rud a thig eadar an tuathnach no an croitear agus a’ bhuannachd ris am bi suil aige bho’n bharr, ach ciod e meud na h-amaideachd a tha ann da toiseachdh le stoc chearc, abramaid de na “Black Hamburghs,” gach aon diubh a’ breith dha anns a’ bhliadhna, theagamh 200, no an corr, adh-uibhean; agus an sin leigeil le a namhaid coileach-dunain rìomhach a bhuileachadh air, a chumail cuideachd riu — coileach nach do bhreithnich aon d’ a shiòl no d’ a ghineal riamh air tuilleadh agus leth-chiad ubh ’s a’ bhliadhna a bhreith; agus sin air a’ cheart urad dhragh’ agus chosdais. Agus a nis, tha dochas agam gu bheil mo leughadairean a’ tuigsinn nach ’eil e glic tuilleadh “talamh-aitich” a thoirt do aon air bith na tha e da-rireadh comasach air “oibreachadh,” air alt’s gun toir e seachad a lan dìol de thoradh. Chaidh mi gu mion thairis air na ciadan de chroitean, agus chan fhaca, agus cha chuala mi iomradh air aon (ach mo chroit fhein an so) a bha air a h-oibreachadh [TD 20] [Beurla] [TD 21] eadhon gu meadhonach math. A mach o chroitean mointich, bha iad uile na’n ùtrais chlach, no bha leaba chruaidh doimhneachd bheag fo uachdar na h-urach, air dhoigh ’s nach bu chomasach do na freumhan aig lus feumail sa bith dol a’ chòir cho domhain ’s a dh’ fheumadh iad, air son gun deanadh iad fas gu ceart. Agus na ’m biodh fios aig na croitearan air an call mor bho ’n aobhar so, cha chluinneamaid iomradh na ’s mò air “tuilleadh talamh-àitich, tuilleadh talamh-àitich,” re iomadh linn ri teachd. Dh’ “oibricheadh” gach croitear gu dichiollach fhearann, an aite faoin-choltas aitich a dheanamh air uachdar, agus chuireadh e de iongantas air, an t-eadar-dhealachadh a bhiodh eadar am barr a b’ abhaist da a thogail air an t-seann talamh chruaidh, thana, agus am barr a chinneadh an deigh oibreachadh gu domhain le caibe agus le piocaid, ’s gum biodh naire air an deigh na faoineis a bha e fhein agus daoine eile a’ bruidhinn agus a’ sgriobhadh mu ’n fheum a bha air “tuilleadh talamh-àitich” na coig acraichean. Gu dearbh, na ’n tugteadh seachad na tha ga thagar an drasta, dh’ fheumadh a’ chuid mhor d’ ar croitearan duthaich fhagail; oir na ’m biodh an glaodh glic agus air eisdeachd ris, chan ’eil leth gu leoir a dh-fhearann am Breatunn air son chroitean d’ a cuid tuatha; ach na ’m biodh am fearann da-rireadh air “oibreachadh,” cha bhiodh fior fheum gum fagadh daoine an duthaich re iomadh linn ri teachd. EILEANACH, Feb. 1885.