[DA 1] MARBH-RAINN AIR DAOINE URRAMACH DIADHAIDH A BHA ’AN SGIRE DHORNAICH, ’AN CATAOBH. LE UILLEAM GUINNE ’SA BHEAN, ’AM PRONNSUIDH, ’S AN SGIRE CHEUDNA. DINGWALL: PRINTED AT “ROSS-SHIRE JOURNAL” OFFICE. MDCCCLXXXVII. [TD 3] I.—Marbh-rann air Uilleam Macintoisich ’bla ’n Achadhleathan, ’an Sgire Dhornaich. 1 ANN an cruinneachadh againn na còmhail, C’ ait am faic mi leithid Uilleam Tòisich; Le teirc do bhriath’ran ann an deagh òrdugh, Is blas na naomhachd orra an còmhnuidh. Oich O! nan Obh! 2 Ach ’s comharradh thu bhi trogail t-imrich, Thu bhi toirt air falbh do mhuinntir ionmhuinn, Gun bhi trogail ’n an àlt’ fior luchd-leanmhuinn, ’Sheasadh t aobhar, ’us cùisean anaimean. 3 Ach ’s pìreas n-ar tìr a bhi na fàsaich, Thu bhi ’toirt air falbh luchd-seilbhich t-fhàbhair, Do an do libhrig thu do shaor ghràsan, A fhuair lamhan Mhaois ’us teangaidh Aaroin. 4 Airson tagair cùisean mhuinntir shàruicht’ A ris a Chùirt ud a tha os àrda, A chum gu ’m faigheadh iad dheth do ghrasan, Na bheireadh iad saor gu tìr na teàr’nteachd. 5 Oir ann an cruinneachadh air an t shàbaid, S e-san a bheireadh a chemhairl’ theàr’nt dhuinn; Sinne do threigeadh n-ar cuid seann àbhaist, ’S do dheanamh roghain de ’n aon ni àraidh. 6 Ach ’s ann a choslaich mi thu ri Iacob Air barr a bhat, a dh’ iarr beannachd àraidh Do na deòraich bhochd a chaidh nis fhàgail; A chum an dion a’ dol troimh an fhàsaich. 7 Ach ’s e thu dhol uainne cùis n-ar n-iunndrain; Beul na comhairl agus na deagh iompaidh: Oir ’se a bh’ ann dheth neach a chaidh ungadh, ’S an t-ait bho an deach’ e, ’s mòr a rùm as. 8 Oir is e a bh’ ann am plantan ùr dheth, Ann am fionan Chriosd, a’ sìor chuir cliù air; Ach b’ e bhi ’g a àrduchadh a chiùradh, Thaobh feag’lan a bhais ’bhi ghnà cho dlu ris. [TD 4] 9 Ach iadsan a dh’ fhàg e mu ’n robh a churam, Cuir-sa dh’ an ionnsuidh am porsan dubailt, Agus dean iad treun, ’nam fior luchd-urnuigh, Gu seasamh a naird ’sa bhearn chaidh rusgadh. 10 Bhi cianail na ’d dheigh is mi nach aicheadh, Oir bu tu m’ athair agus mo bhrathair: A’ dol ann am measg mo chuisean saraicht’, Cha ’n fhaigh mi do leith’d ’am measg nam braithrean. 11 Ach a bhraithrean uile, bithibh ag urnuigh, Nach cuireadh an Spiorad ruinn a chol’aobh; Oir tha sinn ’giulan neul an diumaidh, Moran do bhearnan ’us ro bheag iunndran. 12 Ach a thaobh an tearc ’tha air am fagail, Ag imeachd fathasd ’sann anns an fhasaich, Cha ’n e lugh’d n-ar tionail tha na chradh dhoibh; Ach moran aidich ’us ro bheag grasan. 13 Ach ’sann oirn a luidh an dusan basmhor, A’ caitheamh n ar tim, ’sa sior ’ga t-aicheadh, An deigh na thaisbean Thusa dheth t-fhabhair, Chum n-ar deanamh saor bho dhaorsan trailleil. 14 Ach cha d’ labhair mis’ ach tearc do bhriathran, Mu dheighne a chliu, ri taobh na b’ fhiach e, Air dhomh a bhi ruisg anns an tir chianail, ’Us m’ aghaidh air an uir fo neul crionaidh. 15 Ach ’nis airson t-Ainm nach tiorc Thu t-aobhar, Is e fo chasan an fhior luchd reubaidh, ’S iad ag eiridh chum bhi ’dion na h-eucair; Mar a bha an dream bha ’ga do cheusadh. 16 ’S iad ’n aghaidh a mhuinntir th’ann an eigin, ’Sa tha air am fasgadh airson T-aobhar; Ach sgoilt sa an cuan ’s cluinn an eubhachd, ’S anns an fhionan-sa dean sa iad feumail. 17 Is deonaich dhuinne a dheth Do phorsan, Na bheireadh sinn saor a null air Iordain: [TD 5] Ma’s bas duinn gun Chriosd, shios bithidh n-ar comhnuidh, ’S bi’dh Do cheartas gu sior a’ gabhail toir dhinn. II.—Marbh-rann air Iain Grea, Eild’ear a bha ’n Sgire Dhornaich. 1 Och a Leatairean Dhornaich, ’S mor an leon bhi ’g a t-fhaicinn, Bho ’n la thug E laimh ’n tos as: ’S c’ ait am b’ eol domh a leithid? Bha e duineil is diadhaidh, ’S bha e ciallach ’na chomhradh, Is cha deanadh e geilleadh, Do na reusantan feolmhor. 2 B’ fhear gun sgoil e gun leughainn: Fear a leirsinn cha b’ eol domh, Gu cuir solus air ’n fhirinn, Bha e dileas ’us comhnard. Ach ’se chreideas do ’n fhirinn, Rinn e dileas ’sa chlosaid, Is cha ghabhadh e ’n ias’d e; Oir b’e Criosd a phòrsan. 3 Thug thu aghaidh cho direach, Anns an t-shlighe bha comhnard, ’S rinn thu bhriathran cho brigheil Ris an fhion air dheagh stoladh: ’Nuair ’reidheadh e do dh’ urnuigh Ann an duineadh na comhail, Bhitheadh feartan an uir’chidh Mar an driuchd tigh’nn na chomhail. 4 Ach ’se mhaise chuir Criosd ort, A rinn sgiamhach thar chach thu; Oir rinn comuinn na Trianaid Do bhuaidhean-sa uil’ aiteach. Bha do phairtean lan soluis, Air an sailleadh le grasan, ’S c’ait am faic mi leithid Iain, Na sheasamh ’meadh’n na’m braithrean. [TD 6] 5 Gu sgoltadh na firinn, choidh thu Thairis air miltean ’b’ eol domh, ’S c’ait am faic mi leithid Iain Na sheasamh ’m meadh’n na comhail: Oir chaidh do mhais’, ’s do naomhachd Thairis air miltean ’b’eol domh, Is Iain Grea, mo ghaoil-sa, Thug E saor thu thar Iordan. 6 Bha do cheuman cho direach, ’S bha iad sint’ ri do chomhradh, Is cha ’n fhaic mi do leithid— Anns an latha cha ’n eol domh; Oir bha do dhaimhs cho seasmhach, S hha do chomuinn cho blath dhomh, ’S rinn cumhachd an Fhir-shaoraidh Do thoirt saor troimh an fhasaich. 7 Thug E saor thu bho ’n fheagal, ’S bho na h-amhrusan craiteach, ’S mar an ceudn’ bho ’n fhear toibheum, ’S bho fhear-ditidh na ’m braithrean, ’S tha thu nise gu sona, ’S cha thig ainnis gu brach ort: Tha thu ’g amharc ’n ard Chuspair, ’S tha thu an uchd Abrahaim. 8 Bha n-ar ceangal riut dianach, Da fhichead bliadhn’ ’san fhasaich, Is cha d’ fhuair am fear-millidh Comus brisidh no beairn air, Ach cuir ’n Spiorad air Seumas, Gu sheuladh ’na oige; Ach am faigh e na grasan Fhuair a pharant le trocair. 9 ’Scuir am manntal air Uilliam Gu bhi ann’ suill’chas boidheach; Ach an lean e na ceuman Bha e ’g eisdeachd bho oige: Ach ’s mith’ch sguir deth mo thuireadh Air an tullaich, ’s mi m’onor, [TD 7] Is mi ’g amharc na fasaich, Is am bas ’tighinn mo chomhail. III.—Marbh-rann do Shiorra Macculloch bha ’an Dornach. 1 SUD an sgeul a bha ciuirteach, Sgaoil a mach feadh n’an duth’chan, Fear na seinn ’us na h-urnuigh thoirt uainn, B’ e sin Siorra mor Huistean, Fear a ghaoil ’us na dluth’teachd, Do gach neach a bha ciuirt’dheth an t-shlaugh. 2 Fhuair an cuan e ri bhathadh, Maill’ ri moran de dh’aireamh, ’S thug sud dealachdan craiteach mu’n cuairt, Beul na milseachd a dhuineadh, Bho bhi ’labhairt le curam, Timchiol corain ro-bhruideil an t-shluaigh. 3 Mur biodh aithreachas tra’ ac’, Nach d’robh ann ach am bas doibh, Agus coinseans ’gan cradh le bith-bhuan: An am tionail na comhail, ’Sud an trumpaid bha oirdhearg, Gu bhi a’ fosgladh storas an Uain. 4 Do na bhuidhean ’bha craiteach, ’S fhuair an lot’ ’measg na’m mearlach, Leis an ola gu slanuchadh suas; Ach bha cluas’n bodh’r gu eisdeachd, Nach d’ robh ’cluinntin na h-eibh ud, ’Us tha ’nis oir a sheuladh mach uainn. 5 Air a thabhairt gu saorsuinn Dh’ ionnsuidh lanachd na Righeachd, As gach tsiodlaid, ’us daors’, agus cruas, Gu bhi ’seinn Haleluiah ’Am measg an Ranc ’chaidh chrunadh, ’Tabhairt gloir agus umhlachd do ’n Uan. [TD 8] 6 ’S ged a gheibh’dh ’n cuan e ri sheuladh, Dh’ ionnsuidh la na h-ais-eiridh, Bhiodh e gu maith ann ’n deilig’an Uain; Oir coinn’chidh ’n t-an’m tha priseil Ris a bhodhaig bha finealt, Ann an comuinn le saorsainn na buaidh. 7 Ach thug e saors’ do ’n cairdean, Gu’n d’robh ’bhodhaig ghle aillt’ ud Air fhaighinn gu a charadh ’san uaigh: Ach, Och! na’m biodh e lathair, Bhiodh ’chiuraidhean-sa craiteach Airson cuid a chaidh bhathadh ’sa chuan. 8 ’Measg an aireamh a b’ eol dh’a, Bha fear-’ghaoil Robi Gordan; Is ro theirc dheth a sheors’ ’measg an t-shluaigh: ’Dol do laimhseachadh ’Bhiobail, Planntan milis na dilseachd, ’Ghabhail eolas na firinn gun fhuaim. 9 Agus ann ’n taisb’nadh cairdeas, C’ait am faigh mi dh’a brathair, ’Measg an oigridh chaidh fhagail mu’n cuairt? Ach ’sann ’chaidh e do’n Righeachd Maill’ ri parant na dilseachd, Is bithidh ’n comuinn le gaol ’bhios buan. 10 ’Se n-ar durachd gu h-araidh, Gu ’n tigeadh mannt’l a pharaint, Air a mhac a chaidh fhagail fo ghruaim; Ach am bitheadh e feumail ’Am measg an Ranc ’tha ’g eiridh Anns an la a tha eigineach truagh. 11 Oir thug e caoil’ agus bas oirnn’, ’M feadh a bhios sinn ’san fhasaich. Gu’n deach’an coinnleia gle aillt thoirt uainn, Bha lan d’ sholus ’s do ghrasan, ’Seoladh ’n rathaid gu tearnadh, Mar bha Maois agus Aaron do ’n t-shluagh. [TD 9] 12 ’S cha ’n’ eil facal de’n fhirinn Chaidh a labhairt an gaol leis, Nach tog fianuis rist bhitheas buan: Oir bidh cuidthrom do ghloir annt Eadar Ceartas ’us Trocair, Deanamh dealachdan mhor ’measg an t-shluaigh. 13 Mar bha seathnar mhic Iacoib, ’Siad na’n searmonaich araidh, ’Cuir an ceill dhuinn mu fhabhar an Uain. Seathnar eil le guth laidir ’Seirsgeadh an lagh’ gun fhabhar Ris na h-uil’ bha ’ga aicheadh gu truagh. 14 Ach, Och! an tearc th’air ’m fagail Dheth na sheilbhich do ghrasan, ’Siad gun neach ’ni a naird na chaidh uath; Lan de chiuraidhean eraiteach, ’M feadh a bhios iad ’san fhasaich Aach am faigh iad fo thear’nteachd an Uain; 15 Neach dh’fhuilig buairidh’n laidir, ’S fallus fal ’anns a gharadh, Agus toibheum ’o aireamh do shluagh; Chuir E’n ceill dhoibh gu h araidh Mar fhuar E-fein, gu’m faigh’dh iads’ Am feadh ’bhiodh iad am fasaich na cruas, 16 Gus ’n toir’ E null iad air Iordan, ’San leomhan beucach an toir orr’, Agus iadsan ’nan deoraich bhochd thruagh. ’Sin bheireadh ’n gath as ’bhas dhoibh, ’S bheireadh caithream bho shatan ’S bheireadh libhrigeadh tear’nt dhoibh le buaidh. 17 Gheibh iad toradh na h-urnuigh, ’S thig na deuran bho’n suilean Is theid na h-osnaidhean ciuirt’ ’thoirt uath: Ach tha mis’ ciurt’ fo m’ anail, ’S cha ’n ’eil luths’ ann mo ghearan, S tha mo chuisean ro dhoilich is cruaidh. [TD 10] IV.—Marbh-rann do Shiorra Macculloch, Le bean Uilliam Guinne. 1 MEUDAIL agus mo run an aodainn, Nach faic mi ’leithid ’measg na miltean, Leis ’chridh’ bha lan de gradh’n Fhir-shaoraidh, ’Sna lamhan bhitheadh sint ’gus na daoine; 2 Oir rinn Thu anmhuinn le do ghras e, Is thug Thu ’mach e ’o na braithrean Gu dol am measg mo chuisean saraicht’; Cha’n fhaic mi leith’d a choidh gu brach ann: 3 Oir ged a shiubhlainn sa na duth’ chan, ’San righeachd cha d’robh leithid Huistean, Le anam lan de ghras ’s de naomhachd, ’Se ’g ulan iamhaidh an Fhir-shaoraidh. 4 Cha b’ionngantach dhomh-sa ’bhi bronach, Ann an am cruinneachaidh’ na comhail, ’Faicinn do shuidheachans’ na aonar, Is tus’ gu brach nach tig ’n ar comhail. 5 Oir an uair dh’fhoisgleadh tu am Biobal, Dh’fhuaisgileadh tu mo cheistean daorsal, Is gu cuir solus air an fhirinn, Cha’n fhaic mi do leith’d anns an t-shaoghal, 6 Oir ’meudail Huistean thug E suas thu, Is thug thu barrachd air na h-uaislean, Is tha thu nis anns a Chuirt is uaisl; Is cha chuir satan a caoidh gluasd ’ort. 7 Cha’n fhaic mise ’agus thus a cheile, Gus an tig latha na h-ais-eirigh; ’S ma bhios mis ’truagh cuiridh tu d’ sheul ris; Do bhrigh liugh’d la bha mi’ gat eisdeachd. 8 Oir fhuair an cuan thu, ’s rinn e t-aicheadh, ’S fhuair e rist thu ’us chaidh do bhathadh; Ach dh’ fhoisgil sud dhuit doras sabhailt, Maille ri Isaac agus Iocob. 9 Ach ged a rinn an cuan do bhathadh, Cha b’ann gu do chall-sa a bha sud; [TD 11] Oir thug e ’mach thu bho gach sar’chadh, Gu bhi ’scinn anns an Tigh a ’s airde. 10 Oir thug E leis thu ann am momaint, Is dh’eid E thu le or na h-Opheir Is thug E saor rhu ’null air Iordan Bho gach daorsainn a bha an toir ort. 11 Is thug E ’steach thu do an Righeachd, Is chruin E thu ’am measg na’n righrean, Is rinn E thu na d’ philar finealt’, Is sgriobh e ainm a Bhaile Naomh ort. 12 Bha minist’earan laidir geur ’n toir ort, ’Bhaigh mend do sholuis agus d’ eolais; Ach na ruigs’ iad gu brach d’ ait-comhuu idh-s’, Chi iad do threud ’s thu-fein an tos orr’. 13 Oir rinneadh thu mar bhaile soilleir Air mullach beinn nach fheudar fhalach, Agus t-anam lan de’n fhior sholus; ’S b’e sud’n aobh’r chraidh, do chuir ’san talamh. 14 Oir ’se do thoirt uainn ’rinn sinn craiteach, Fosgailt ’do thonnan garbh na fasaich, Gun bhi ’clunntinn rathad an tearnaidh Aair a mhineachadh dhuinn gu tearuint? V.—Marbh-rann do Uilleam Murradh, duine urramach diadhaidh a bha ann am Fliuchairidh ann an Sgire Dhornaich, agus bha na Fhear ceasnaich ann an Sgire Chraoich, ’an Cataobh. Le U. G., I. M‘D., agus R. M‘D. 1 Is mis’ a chraobh tha crionach, Th’anns an fhionan gun bhla’ orm, ’S mi fo reoiteachd a gheamhraidh, ’Tha na shamh’l air a bhas domh; ’Thaobh’s nach faic mi nis Uilleam; ’Ghnuis mhuileach ’bha gra dhach, ’Bha na mhaise ’measg mhiltean, Air ’n do shaoth’raich saor ghrasan. [TD 12] 2 Rinn e leon do dha Sgire, ’Nuair a chaochail am bas e: Planntan cubhraidh na dilseachd, Lan gaoil do na braithrean. Oir bha a cheuman cho dreach, ’Dol tre slighe na fasaich, ’S ann an radh na h-urnuigh, ’Se bha dluth ris an Ard-Righ. 3 Ann an tionail na comhail, Bu lamh thos ann thar chach e; Leis an anail bu chubhraidh, ’Bha tigh’n ur bho os ard air. Bha a labhairt cho diomhair, ’S nach robh trian diubh an aird ris, ’Measg nam “Molaidhean siorruidh,” Oir bi a mhiann ’bhi g’an aireamh. 4 Och a nis tha sinn cianail ’N am tighinn gus an ait sin, ’Faicinn rum-sa ’bhi falamh, Aobhar ghearain nan cairdean: ’Sann the e-san gu sona Far nach tig ainnis gu brach air; Far nach tig buaireadh bho ’n t-shaogh’l, Na daorsainn bho Shatan. 5 Ged tha mise ri tuireadh, ’S aobhar mhulaid is bhron dhomh, ’N ait bhi ’g iomchair mar bhuineadh, Fior thoradh. fo an leon ud, Gur h-e ghelbh mi ’na m’anam, Measan malluicht’ Ghomoraih— Dris is dearcagan fiadhaich, Poradh mi chiatach na feola. 6 Is se m’eagal, a bhuill ud A bhi ’g oibreachadh bhais domh, A thaobh doillead mo thuigse Air gliocas an Ard-Righ: Le meud a ghaoil do na thagh e, ’Gan toirt dhachaidh gu’n Aros Gu bhi seinn Haleluiah Anns a Chuirt maill’ ri Abra’m. [TD 13] 7 Och! cha ’n fhaic mi leith’d Uilleam, Ann an tionail no ’n comhail; Gnuis mhaiseach na stuaimeachd Lan suairceis an comhnuidh. Cha d’ rinn e tarchuis air bochdan, ’S cha do lot e riamh leointeach, Oir ri solus na firinn, Bu ghle shinte ’bha ’chomhradh. 8 Chuir E cabhaig bho thim air, ’S rinn sud daorsainn do mhoran; Do thaobh teircead nam braithrean Dheanadh cairdeas ri leointich. Och! chaidh Uilleam mo ghaoil-sa, Troimh dhaorsuinnean mora; Ach rinn suidheachadh ’chumhnaint E-san ’ghiulan gu solas. 9 ’Se fhuair cuinneanan glana, Airson aithneachadh naomhachd; Is dh’ fhag sud e ro chraiteach, Airson fasuidheachd dhaoine: Gidheadh ’sann ’bhiodh e ’taladh Do thaobh fabhair a ghaoil ris; Oir rinn cumhachd an Ard-Righ E san ’thearnadh dhe faobhar. 10 Ann an dreuchd an Fhir-cheasnuich’, Bha e deas ann a phairtean; ’Craobh-sgaoileadh na firinn. Ann an dilseachd ’s an gradh dhoibh. ’S ann an tagair, ag urnuigh, Bhiodh an driuchd tigh’nn a mhain air: ’S c’ait am faic mi leithid Uilleam, ’Shloinneadh spiorad na h-aithn’ dhuinn? 11 Ach tha iad nis’ nan aonar, Gle sgaoilte ’san fhasaich, A gus cuid diubh gu tuirseach, ’Thaobh a chuspair a dh’ fhag iad: Gidheadh ’s e ’n gnothaich ’bhi ’g urnuigh, Gle dhluth ris an Ard-Righ, Chum g’an cuir E Fear ur ann, Dheanadh ciuradh do Shatan. [TD 14] 12 Och! ’s i do cheile ’ta cianail An diugh ’lionadh le cradh i, Dh’ easbhuidh comuinn na h-urnuigh, ’S i fo churam nam paisdean: Ach ’sann air Ceannaird a chumhnaint Chaidh an curam-san fhagail, ’S tha Fear-tabhairt a gheallaidh, ’N’lan chomus gu’n tearnadh, 13 Biodh gach beag agus mor ac, (Do reir seoladh ’n Fhir-ghraidh-sa) ’G iarraidh foghlum an spioraid ’Chum an anaim a thearnadh; Chum ’s gun ruig iad fa dheireadh ’Dh’ ionnsuidh cala na slainte, Anns am bi iad lan shona, Gun ainnis gu brach orra. 14 [Ach nach labhair an eigh so Ris ’n luchd-aidich ’san la so, Eadar Theachd’ran ’us phobull, Iad bhi deiseil gu trathail; Oir tha ’m bas oirnn ag iadhla’, Is tha ghrian ’dol a mhan oirnn, Tha na faileasan ’sineadh, ’S tha an caothach air Satan. 15 Is soilleir gu ’n do ghranaich Sinne Spiorad an Ard-Righ Bho thabhairt do an t-shoisgeil, A chumhachd ’us a lath’reachd; Nach faic sibh cho ladurna ’S a tha aodan an ardain, Us gach ranc as an riaghailt ’S iad gun strian orr’ an trasa. 16 Dia gu ’n tog ’naird fianuisean, Bhitheas dileas agus treubhant’, ’Chuireas teicheadh air naimhdean, ’Us air cealgairean feineil. O! gu’n dean E sinn altrum, Gu bhi brigheil ’us feumail; Gu bhi tarbhach ’san Fhionan, A chum onair Mhic Dhe O.] [TD 15] VI.—Air toirt air falbh na dilsean, ’s air mi-dhilseachd na ginealaich. 1 Oich Obha! Oich Obha! Oich Obha, is mi sgith! ’S mi cuimhneachadh m’fhabhair Maille ri cardean an Righ; ’S mi faicinn mar tha iad ’San fhasaich cho sgaoilte S chaidh cuid troimh na bhas dhiubh A chum Pharas na saors’. 2 Tha mis’ ’n so air m’fhagail Anns an fhasaich gun chli ’Smi ’faicinn gu craiteach, Am bas anns an tir; ’S ro theirc air am fagail Ris am fair mi bhi saor, Rinn ceud pheacadh Adhaimh Mise fhagail gun bhrigh. 3 Gun chomas bhi ’g ard’chadh A nis fabhar na saors’: ’S rinn riaghladh gun fhabhair Tur fhasaich de an tir ’S le Iosebel laidir Tha aireamlt a’ dol cli ’S mur till Righ nan gras iad Buaidh bos aca choidh. A CHRIOCH