[DA 1] DAN SPIORADAIL LE DOMHNULL CATTANACH, SLIABH, SGIR CEANNGHUISICH. INVERNESS: PRINTED AT THE “NORTHERN CHRONICLE” OFFICE. 1885. [TD 3] Dan Spioradail. BRISEADH AN AITHNE. ’S e briseadh air an aithne fhuair sinn bho’n Ard-Righ ’N uair bha Adhamh ’sa gharadh, thug am bas oirnn gu leir, ’S e briseadh air an riaghailt, bha foillseachadh toil Dhia dhuinn An comhairle an diabhul dh’fhag sinn cianal fodh’n ghrein. Rinn Dia an duine direach, air anam chuir E iomhaigh Le eolas agus firinnteachd ’s naomhachd gu’n ghaoid, Is chuir se e do’n gharadh ga ghleidheadh is gu h-aiteach, Bha craobh na beatha fas ann ’s do Adhamh bha i saor. Be iongantas a gharaidh i—na toradh bha neo-bhas-mhorachd— ’S cha robh an claidheamh lasarach, tionda air gach taobh, Rinn Dia ris gniomh rc araidh gu shonas dheanamh sabhailt A toirt lagh na’n aitheantan dha air clar a chridhe fein. Se sin an lagh bu riaghailt dha, an cridh an cainnt ’s an gniomharan, Is bu chumha beatha shiorruidh dha na’n gluaseadh e da reir, Ach dh’innseadh dha gu firinneach, na’m briseadh e an riaghuilt ud Gu’m biodh am bas mar thuarasdal, dha fein ’s da shliochd na dheigh. Ach mheal an nathair chuilbheartach a bhean gu bhi miannachadh, ’S a rithisd gu bhi gniomhachadh an ni cha thoirmeasg dhoibh, Ghabh i de’n mheas is dhith i dheth ’s da fear thug i rithisd e, Thug sin am bas na’n dithis orra. bha sgriobht am bagradh Dhe. An inntinn lion le aineolas, am firinnteachd a chailleadh leo— Dh’fhag an iomhaigh naomh an anam, ’s thainig truaillidheachd na aite, Tha’n cinnidh daoine na’n luidh nis gu’n chomunn ris na flaitheanais, Gu’n choir air beath mhaireanach, fodh bhinn na’n iomadh bas. Thainig peacadh stigh do’n t-saoghal, ’s e’n lagh thugh neart gu diteadh dha, Thug sin am bas gu rioghachadh, ’s e’m peacadh gath a bhais, Ach runnaich Dia bho shiorruidheachd, reir comhairle na diadhachd, Gu’n rachadh cuid a thearnadh, chum cliu is gloir a ghras [TD 4] Na shuil, na ghaol, roimh-aithnichead, mu’n d’fhuair an domhain bunaitean An Criosda chaidh an taghadh leis, gan orduchadh chum slainte Chuir E a Mhac do’n t-saoghal so, chum nadur Dhia is dhaoine bhi aig Neo mheasgaichte ach aonichte na phearsa dhiadhaidh fein. Le mnaoi na maighdean rugadh e, gu’n athair riamh air talamh aig. Immanuel, Dia maille ruinn chaidh ghin bho’n Spiorad Naomh, Fodh a lagh mar chumhnant rinneadh e ’n aite na thug n’ t-Athar dha, Chum bhi na eadar mheadhonair troimh fhulangas a bhais. Na chorp am peacadh ghiulan e, gun ni air bith na nadur dheth Ach air a mheas mar rathan da, ga’n tearnadhs a bha cailte, Do dh’ung is chuir an t-Athair e, gu obair a thri oifigean Oir mhionnaich e gu’n aithreachas gur Sagairt E gach linn. Thubhairt Maois ris na h-Aithrichean, gu’n rachadh faidh thogail doibh Dhe’m braithrean fein a theagaisgeadh, le cumhachd focal De, Do Dhaibhidh thug e toileachas ’s be cainnt a laithean deireanach Gu’m biodh a mhac sa Thighearna gu brach na Righ na aite. ’S e’n fhirinn is a bheatha E, ’s e’m farad chum an Athair E A bhonn air an talamh so, ’s a bharr dol gu neamh. Chaidh E troimh ’n t-saoghal so, na dhuine bron is duilgheasan A fulang bho na buairidhean, chum fuasgladh air a chloinn. Be bhiadh ’s a dheoch bhi deanamh, deadh thoil an ti chuir uaith E An obair sin a chriochnachadh, bha sgriobht ’s an Rolla Naomh. Be sin an Ro-mhior-bhuilleach, thug dha an cupan uamhasach An Gethsemane chuir uamh-chrith, ’s na anam cruaidh-ghleachd mor. Bha ceartas g’ iarruidh diaghladh air, bha ’m bas aig iadhadh tiomhchail air An lagh toirt neart gu pianadh dha ’s e am peacadh gath a bhais. Bh’an gath ud geur is piantachal ’s cho fada ris an t-siorruidheachd Ach choinnich Dia neo-chriochnach e, chuir Criosd as do’n bhas. Sliabh Chalvari do dhirich e, air crann ceusaidh shineadh e An lagh is ceartas riarach e, ’s le bhas chuir as do’n bhas. ’S mar dhearbhadh air gu’n drinn e sin, an ceann tri laithean ’s oidhchean Do dh’fhuasgail Dia a cheanglaichean ’s dheirich e bho’n bhas. [TD 5] AN FHASAICH. Gu’m bheil an fhasaich na fasaich sgith, ’S ann mar sin a fhuair na h’aithrichean i; Car seal air chuairt innt dol dh’ionnsuidh suaimhneas, Is gur iad a fhuair i na fasaich sgith. ’S beag a shaol leo ri taobh a chuan, Seinn cliu ’n Fhear-shaoridh, a thug dhoibh buaidh; Iad uile sabhailt is an naimhdean bait-e, Gu’m biodh iad sa’n fhasaich cho fad air chuairt. Cha robh iad ach na tri laithean innte ’Nuair gu uisgeachan Mharah a thainig iad; ’S ge’d a bha’n cridhe paideach, cha ghabh’t ol diubh, ’S cha robh’n so ach toiseachadh fasaich sgith. Bha corp a bhais aca ri ghiulan innte, Le smuainte grannd gu’n deanamh tinn; Seann duine tha graineal le miannuibh cealgach, ’S bu leoir gu dearbh e gu’m fagail sgith. Bha saighdean teinnteach ga’n tilgeadh innte, Mar bhioruibh geur-adh a lot an cridh; ’S smuaintean aicheadh air bith an Ard-Righ, A teachd bho Shatan gu’m fagail sgith. An t’eascreidimh lean iad le toir gheur, ’S an aghaidh dochas cha chreid e fhein; A ’toirt mi-choslas fa-comhair Israeil Thoirt uabh am misneachd an gealladh Dhe. Bha innte na Saddusich mar an ceudn’, Luchd aicheadh aiseirigh pobull Dhe; Aig radh nach ’eil ’n gairdeachas na dream a choidleas, Ach bhi toirt caidreadh do dhochas breug. [TD 6] Bha innte na Phairisich gheal gu’n ghras, Gu’n bhron, gu’n aithne, air a ghalar granda; ’S an ’uair a theid iad an ’ard do’n teampull Cha’n ionnainn cainnt doibh ’s do’n chis-mhaor. Ach ged a tha an fhasaich na fasaich sgith Tha fois air fhagail do phobull De; ’S theid iad sabhailt a dh’ionnsuidh’n aite, ’S nach can am fear aiteachidh tha mi tinn. ’S ged bhios iad innte car seal air chuairt, A gul na’n imeachd gu Sion shuas; Air fear ’n graidh bidh’n taic an comhnuidh, Tha coiseachd aillidh aig bean an Uain. Agus ge’d gheibh iad innte aran bron, ’S deuraibh goirst ann na’n deoch ge’d ol; Thig uisge milis dhoibh as a charraig, Gheibh am manna foluicht an t’aran beo. ’S corp a bhais ge’d ni ghiulan innte, ’S leor a ghrais doibh gu’n cumail suas ’S an uair a theid iad a null thar Iordan, An inntinn fheolmhor ni thilgeadh dhiubh. Saighdean teinnteach ged bhios ga’n leon, Tha ainm an Tighearna dhoibh mar thur; ’S am faigh iad armachd a chuireas an ruaig air Satan, Na tri grasan a bheir uaithe an t’lus. ’S an t’eascreideamh ged bhios gan claoidh, Gidheadh am muinnghinn cha tilg iad uatha; Le mhionnan ’s fhacal thug E dhoibh acar, ’S le spiorad naisg E iad ann gu dlu. ’S ceisdean Sadduseach ge’d a chomhluich iad, As a phreas bha losgadh thug E freagradh dhoibh; ’S tha cheud thoradh dhiubhsan a choidal Air eiribh a chean-a os cionn a bhais. Smuaintean feineal ’nuair a bhios na’m pian, A dh’ionnsuidh chruinncheusaidh an sin theid iad; Am bas chaidh bhagradh ann an garadh Eden, Leaghadh a chridh mar cheir nach drinn peacadh riamh [TD 7] Bidhidh an cridh lionnt le comuinn grais, Do’n Athair shiorruidh a thug dhoibh gradh; Do’n Mhac a chriochnaich na fhuair ri dheanamh, ’S do’n Spiorad Naomh-a thug dhoibh compairst. ’S an t’shaorsa shiorruidh a choisinn Criosd, Bho’n lagh ’s bho thruaillidheachd gin is gniomh; Rinn an t’slainnt a charamh na’n luchd compairt iad, Do’n nadur aillidh a tha bho Dhia. Tha’n gruaidhean sgiamhach le sreathan sheud, Agus iompa eidibh do dh’obair ghreis; ’S nuair thig an glaodh anns a mheadhon oidhch’, Do’n aite ro-aoibhinn theid iad gu leir. A inntinn oidhch’ cha’n fhaic a chaoidh, Agus fuachd na’n toil cha bhi sin ga’n claoidh; Ni an t’Uan an treorach gu uisge beo, Agus inntinn fheolmhor cha’n fhag iad sgith. NA GEUGAIBH SEILICH. Mo thruaighe mo clarsaich bhi ’n aird an crochadh, Air geugaibh seilich na ’n crann, Laimh ri uisgeachan Mharah, ’s am bas alr m’anam, Nach urra mi ’n t’ oran ud a sheinn. O Spiorad nan gras thig a mhain leis an anail, Chuireadh blathas ann am m’anam tha fuar, ’S bidh mis mar Dhaibhidh dannsa le aighear, ’S an airc tighinn dachaidh a rithisd. ’N tra thug Spiorad an Tighearn am faidh roimh Gu meadhon a ghleann a bha lan, Do anama neo-bhasmhor do cnamhan tioram, Gun choslas a rithisd tighinn beo. [TD 8] Bha ’n braighdeanas buan, bha ’n uaighean domhain, Bha snuadh na beatha air falbh, ’S am faodadh na mairbh sin teachd beo a rithisd, Cha fhreagradh a cheisd sin ach Dia. Thionnda an dannsa gu bron, sgur aoibhneas an cridh, An Comhfhurtar dhimich air falbh, ’S iad mur bhantrach fuidh bhron le deur a silleadh, ’S an dochas ’s am misneachd air falbh. Dh’ fhas an gnuis mar an gual, bha geall mar am bainne, ’S an corp mar na ruiteachan dearg; Thug a ghoirt duibh an snuadh, cha robh d’tlus ann’t gu cogadh, Is an Ceannard air pilleadh gu ait. An laimh na fineachan fiat thug Dia iad thairis, Bho am faidhean bha ’n sealladh air chall, Thainig neul an treigidh eadar E fhein ’s an t’anam, Bha tosdach aig cathair na ’n gras. Rinn peacadh am faidhean an righrean ’s an sagairt, An t-aite a be a dhachaidhsan fas, Dh’ eirich gloir an Tighearn a bhar a cherub, Gu stairsnuich an tigh is e falbh. Nach gorach a chloinn chuireadh fearg air an athair Gu ghnuis a tharruing air falbh; ’S am fagail ’s an dorach fuidh bhron gu ’n solus, ’S gu ’n fhairichdinn shona a ghraidh. Gu ’n ionaltradh inntinn am firinn an fhacail, Le an aignidhean suidhichte shuas, Ach mar chaoraich gu ’n bhiadh, na mar uain gun bh’aithne, Le an caoile a meilich gu truagh. Thainig neul air a ghrian, dh’ fhalbh blathas na h-anail, Tha air n’ anmaibh ga h-iondran air falbh, ’S air n’ aignidhean cha ghluais troimh fuachd air cridh, ’S nar suilean dh’ fhas lag gun an gradh. Tha air coguis ro chiurt ’s an comhnnidh g’ar biorradh, Le nar dearmad an rathad gu gniomh; ’S i mar dhilleachdan truagh ri aodinn air cridh, A dh’ easbhuidh air comhnadh a ghaol. [TD 9] Cha ’n eil Spiorad na firinn cuir an cuimhne an fhacail, Na dol a stigh aig na ’r n’ anama na phairt, Is an t-ungadh bho shuas bho sgur de bhi sileadh, ’S e tha againne Mammon na aite. Air ’n inntinn tha feolmhor dh’ fhas laidir ladurna, Bho chaill air n’ anama an t’lus, Aig radh gun dean i dhinn fearas chuideachd, ’S gu ’m bi an riaghladh aice mar air tus. Gur e mis’ a dheanadh a ghaire chridheach, Ri a faicinn gu ’n lamhan gu ’n cheann, Fa chomhair na h-airc mar bha Dagon aig an stairseach, Is mo mhollachd gu brach aig a com. AN DUTHAICH IS FEARR. Tha’n duthaich is fearr air taobh thall a bhais, An duthaich neamhuidh, mar tha’n fhirinn aig radh, A gheall Dia do Abraham, le cumhnant grais, Gu’m biodh a shliochd ga aiteach mar oighreachd gu brach. Chum comhfurtachd ro laidir do oighreachan na slainte, Thug E mhionnan le fhacal, gu’n acar bhi’n sas, An aite cinnteach is daighean n’ taobh stigh do’n roinn bhrat Le neo-chaochluidheachd a chomhairle deanamh laidir an earbs. Tha earbsa agus creidimh a ruith air facal De A suibhal fodh’n ungadh mar bha Israel fodh’n neul, Tha gradh agus aoibhneas aig imeachd na’n deigh Dol a dh’ionnsuidh na h’oighreachd, da’n ainm aoibhneas De. Fhuair Aaron gradhach bas, air criochan Sliabh Hor, Agus Maois air sliabh Nebo an sealladh na tir, Ach theid creidimh agus earbsa null thar a bhas Gus an d’theid an adhlaiceadh an sealladh ’s an seilbh, [TD 10] ’S iad earruinn do dh’armachd ’s do dh’armailt na’n naoimh, Tha giulan a chlaidheamh, is e facal Dhe, Cha bhi feum ann an neamh orr, ach mairidh an gradh ’S an so cha’n fhaicear slan e sa chairdean gu tinn. Tha comunn agus braithreachas, measg na’n grasan gu leir, Agus ri aimsiribh cogaidh aig comhnadh a cheile, Ma’s ann an rathad na h’urnuigh ’n tra sheallas iad shuas, Na an rathad a chogaidh le’n aodinn fo ghruaim. Cha’n ’eil gras ann ’s an anam gu’n pheacadh ri thaobh Ann an inntinn a chreidmhich tha la agus oidhch’, Tha creidimh ’s as-creidimh le cheile na cridh’, Tha gradh agus naimhdeas an comhnuidh ri stri. Mar tha eolas do’n chreidimh, tha’n creidimh do’n ghaol, Bidh e tional ’s an fhirinn, mar Ruth anns an raon, Faighinn diasan ’s dloghan, bheir e dhachaidh do’n ghaol, ’S iad gu robh mhaith a cordadh fodh’n ungadh ro naomh. ’N uair theid sabh shul an ungaidh, ri air suilean bho shuas, Eiridh an fhirinn na’n cuimhne le faile mar thus, Thig eolas do’n inntinn is siubhlaidh an oidhch’, An creidimh gheibh inealtradh is fasaidh an gradh. Aig grasan an spiorad bidh’ co chomunn ri cheile, Ann am buaghan an anam reir nadur gach aon, Thig solus do’n inntinn agus fasaidh an gaol, ’S ann troimh an fhacal a mhathair tha’m biadh aca ga roinn. Ach bidh an t’as creidimh fiadhach, a snamh ann’s an dorch, Ann an com aineolas a mhathair, rinn Satan a dheilbh, Bidh fuachd agus naimhdeas aig imeachd na’n lorg, Leantuinn ceud ghin an nainhaid a dh’aruich an fheol. Tha gach earruin do’n fheol sin a comhnadh a cheil Eas-creidimh agus naimhdeas a posadh ri cheil. Rinn aineolas a mhathair dhoibh comhdach do’n oidhch’ ’S na’n deanadh Dia a marbhadh, mharbhadh i a cloinn. Tha pobull Dia ’s an fhasaich, mur bhuidhean da fheachd Tha gras agus nadur na’n namaibh ri gleachd, Mar Iacob agus Esau ann an Rebecca bho shean, Ach an caith Dia le ghras annta nadur a mach. [TD 11] Re am cuir dhiubh a phalluin, tigh talmhaidh a chuirp, Tuitidh corp a bhais diubh ’s cha ’n eirich e am feasd, Theid iad a stigh gu Parras, is gheibh an anmaibh fois, Bidh cliu an Uain cha mharbhadh, na cheol dhoibh m’ feasd. B’ e fhirinteachd a chomhdaich iad ’s thug coir dhoibh dol a steach, ’S e gliocas a rinn ciallach iad ’s a thog an roghain mhaith, ’S e naomhachd a rinn sgiamhach iad, na ’n anmaibh an taobh stigh, ’S an gloir a ghras troimh shiorruidheachd, bidh n’ cridh snamh gu’n sgur. Do chraobh na beath ithidh iad air sradain cathair Dhe, Leis an lanachd sin do thoiridhean, a t-sruth a mach bho ’n run, Na geugan siorruidh siubhlaidh iad ’s an crioch cha ’n fhaic a chaoidh, Bidh toradh ur troimh’n t’siorruidheachd, a ghnath air bord na’n naoimh. Na baill le Dia chompairteachadh, a maitheas mor a ghaol, Do thoilich E an lanachd sin, bhi chomhnuidh ann an Criosd, A chum bhi ga phairteachadh, reir toil an Spiorad Naomh, Gu siorruidh ris an aireamh sin, a ghradhaich triuir an aon. Bidh an acras uile riaruicht ’s miann a ghaol am feasd, Bidh ’n cogadh uile criochnuicht ’s gach pian bha na chois, Bidh ’n t-Uan na sholus siorruidh dhoibh, cha luidh a ghrian am feasd, Bidh ’m baile naomh na dhachaidh dhoibh, ’s bu mhaith bhi na ’measg. Na throcair mor gu ’m faithinns n’ creidimh fhuair na naoimh, An dochas nach gabh carachadh, da ’m barrant facal De, An gradh a shiubhladh dhachaidh leam, air ceumanan na treud, Ach am faigh mi seilbh na gheallannan, ’s an cliu gu ’n robh dha fhein. ’S gu ’n sealladh E na fhabhair air an aireamh bhochd tha sgith, Dha nach freagair ainm ach Mara, thaobh riaghladh freasdal De, Gu ’n gleidh E iad bho nadur aig uisgeachan na stri, ’S gu ’n d’thoir E dhachaidh sabhailt iad, ’s an cliu bidh’n Crun an Righ.