[TD 1] [Vol. 10. No. 1. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 5, 1901. No. 1. Facal do na Nigheannan Oga LITIR IV. Ma tha h-uile nigheann ’na deagh nighinn, Co as a tha na droch mhnathan a tighinn? —Sean-fhacal. AN uair a chì sinn deagh nigheann bithidh a h-uile dùil againn gu ’n dean i deagh bhean. Ma ’s math leinn deagh mhnathan a dheanamh de na nigheannan feumaidh sinn an teagasg, agus an t-eòlas sin a tha feumail dhaibh a thoirt dhaibh ann an àm. Tha ceithir nithean sònraichte ann a dh’ fheumas a h-uile nigheann a bhith aice mu ’n urrainn i bhith ’na deagh mhnaoi. Feumaidh i anns a’ cheud àite a bhith. DIADHAIDH. An uair a dh’ amhairceas sinn ann an eachdraidh an t saoghail chì sinn gu soilleir gu robh soirbheachadh aimsireil a’ dol ann an cois na diadhachd o thùs, agus mar an ceudna, gu robh na mnathan ’na meadhon air a bhith deanamh, araon mòran math, agus mòran uilc, anns an t-saoghal. Nach ann air tàilleabh nan droch mhnathan a thainig an dìle air an t-saoghal? ’S ann gun teagamh. Tha sinn a’ leughadh anns an aon leabhar a dh’ innseas an fhìrinn ghlan a mach air a ceann duinn, gun do thòisich an saoghal ri dhol thun na dunach, aon uair ’s gun do thòisich daoine diadhaidh ri pòsadh nigheannan briagha ann-diadhaidh. Biodh iad briagha no grannda ma tha iad ann-diadhaidh tha’n dunaigh orra, ach ma tha iad glé bhriagha, agus iad ann-diadhaidh, ’s ann is mìle miosa iad. Araon ann an Sgriobtuiribh an t-Seann Tiomnaidh, agus ann an Sgriobtuiribh an Tiomnaidh Nuadh, tha e air a thoirmeasg do dhaoine diadhaidh a bhith pòsadh mhnathan ann-diadhaidh. Far am bheil teaghlaichean ’s ann aig na màthraichean a tha ’n cothrom a’s fhearr air a bhith teagasg na cloinne. Feumaidh na h-athraichean a bhith, mar a’s trice, air cheann an cosnaidh, agus air an aobhar sin cha ’n ’eil uibhir chothrom aca air a bhith ’teagasg, agus a’ cur eisimpleir mhath roimh ’n chloinn. Nach i chainnt mhàthaireil a bhios aig a’ chloinn? Nach ’eil an sean-fhacal ag ràdh mar so—“Nigheann mar a mhàthair.” “An car a bhios anns a’ mhàthair is gnath leis a bhith ’s a’ nighinn.” “Millidh aon bhò buaile, ’s buairidh aon bhean baile.” B’ aithne dhomh seann duine còir a thuirt gur i bean mhath an t-aon chreutair a’s fhearr a th’ air an t-saoghal, agus gur i droch bhean an creutair a’s miosa th’ air. Bha ’n fhìrinn aige. Nach ann air mnaoi a chuir Dia an t urram bu mhò a chuir e air creutair cruthaichte riamh? Nach lionar an àireamh de mhnathan diadhaidh air am bheil iomradh againn anns a’ Bhìobull? A dh’ aon fhacal tha na mnathan diadhaidh nan cumhachd mhòir ann an laimh Dhé, a chum math a dheanamh. Teagaisgidh iad le ’n deagh chaitheamh-beatha cho math agus le ’n comhairle a’ mhuinntir am measg am bi iad a caitheamh am beatha. Beag air bheag, fàsaidh an teaghlaichean suas ann an eòlas air deagh bheusan mar a tha fìrinn is onair, caoimhneas is caranas, iochd is tròcair, càirdeas is daimhealachd. Bithidh mòr-mheas aca air gach sochair a bhuilich Dia air a shluagh, mar a tha meadhonan nan gràs, agus òrduighean an t-soisgeil, latha ’n Tighearna, agus gach àm sònraichte eile do ’m bheil eaglais Dhé a’ deanamh feum a chum a bhith ’cur as do chumhachd an dorchadais. An uair a thig fear-an-taighe dhachaidh anns an fheasgar ’s e cho cas ri cat ann an carn air son ni eiginn cearr a thubhairt, no ’rinn no ’chuala e, feuchaidh a’ bhean dhiadhaidh ri saod a chur air le bhith caoimhneil, ciùin, siobhalta, modhail ris. Bidh cuimhne aice gu bheil e sgriobhta gur beannaichte luchd-deanamh na sìthe. Ma thig e dhachaidh oidhche eile ’s e ’n déigh amadan is ball-bùird a dheanamh dheth fhéin leis a’ mhisg, bheir i dha gach modh ’s gach comhfhurtachd a’s còir dhi; ach an uair a dh’ fhuaraicheas e, bheir i, gu ciùin, siobhalta, foighidneach, comhairle air, ann an ainm Dhé, e sgur de ’n mhisg. A dh’ aon fhacal, innsidh i ’n fhìrinn dha ann an gràdh, agus bithidh a h-obair air a beannachadh air aon dòigh no dòigh eile. Ach a bhean ann-diadhaidh an uair a thig fear-an-taighe dhachaidh uice cas, no crosda, no air mhisg, lasaidh i mar am fudar, agus smàdaidh, is càinidh, is ithidh iad a chéile. Tha e cheart cho docha gu ’n dean a’ chlann a’ cheart ni an uair a dh’ fhàsas iad mor. “Na chì na big ’s e ni na big; na chluinneas iad ’s e chanas iad.” Bithidh a’ bhean dhiadhaidh ’na solus, cha ’n ann a mhàin d’ a teaghlach fhéin, ach mar an ceudna d’ a coimhearsnaich ’s d’ a luchd-eòlais. Feumaidh gur h-i ’n diadhachd fhior agus neo-shalach a bhios aice, ar neo cha mhòr is fhiach i. Tha mòran bhan ann aig nach ’eil ach coslas na diadhachd. Ni iad cràbhadh, is osnaich, is ochanaich gu leor; ach innsidh iad na breugan, cùl-chàinidh iad na coimhearsnaich, agus aithrisidh iad gach sgainnil is droch sgeul a chluinneas iad air an coimhearsnaich le mòr thoilinntinn. So a cheart mhuinntir a ni gàirdeachas anns an eucoir, agus aig nach ’eil an gràdh sin a tha teachd o Dhia, agus a chuireas foluch air mòran pheacannan. Dona ’s mar a tha na mnathan ann-diadhaidh cha ’n ’eil iad a leith cho cunnartach ri luchd a’ chràbhaidh ’s na h-ochanaich. A nigheannan òga, ann an tùs ’ur latha leanaibh an fhìor dhiadhachd. Tha na ceumannan a’s còir dhuibh a ghabhail air an cur gu soilleir fa ’r comhair ann am facal Dhé. Mur dean sibh so cha bhi ràth oirbh fhéin no air ’ur teaghlaichean ma theid sibh gu bràth an ceann theaghlaichean. Is mi bhur caraid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. VII. CHA robh sealladh air Calum! Cha robh fios aig Aonghas air an t-saoghal mhor dé theireadh na dheanadh e. Sheall e mu ’n cuairt, an dùil nach do dh’ amais o air an an àite cheart; ach cha b’ urrainn mearachd a bhi ann, oir bha an ròp an crochadh air a chraoibh far an do dh’ fhàg e e. Smaointich e sin gur a docha gun robh Calum a gabhail fadachd, ’s gun d’ thug e ceum taobh air choireiginn. Ghlaodh e ris aird a chlaiginn, uair is uair, ach a mach o mhac-talla cha d’ fhuair e freagairt. Faodaidh sinn a thuigsinn an staid inntinn anns an robh Aonghas Donn Ghlinn Fraoich—cho aonaranach ’s a bha e ga fhaighinn fhéin, air tìr ann a fàsach ann an dùthaich chéin—an companach a dh’ fhàg e o chionn uair na dha air a dhol á sealladh, mar gun sluigeadh an talamh e. Cha do thuig Aonghas uige so dé cho aonaranach ’s a bhiodh duine as aonais a sheòrsa fhéin, agus bheireadh e aig an àm deich bliadhna da bheatha airson cuideachd Eòghain ghòraich fhéin, a dh’ fhàg e ’sa ghleann. Sheall e mu ’n cuairt a nis air gach taobh, agus bheachdaich e na bu dlùithe air an talamh, agus thug e ’n aire gun robh am feur air a stampadh ’s air a phronnadh mu ’n cuairt do ’n chraoibh aig na dh’ fhàg e Calum. Chaidh e air a ghlùinean far an robh am feur air a lùbadh, agus thug e ’n aire do luirg iongantach anns an ùir a bha ma chuairt air tom-sheangan. Sheall e gu math ’s dh’ aithnich e gum bu lorg duine ’bh’ ann, ach cha b’e ’lorg fhéin na lorg Chalum. Cha ’n fhac’ Aonghas a leithid riamh. Cha b’e cas ruisgte ’rinn i, ’s cha b’e brog a rinn i. Ann an tiotadh thuig Aonghas mar a bha; oir leugh e iomadh uair mu dheidhinn nan Innseanach, ’s an caiseart a bhiodh iad a cleachdadh ris an cainte mocaisean. Cha robh teagamh sam bith aige nis nach buidheann dhe na daoine fiadhaich so a thainig an rathad agus a fhuair greim air Calum. Smaointich Aonghas air na leugh ’s na chual’ e riamh mu na daoine-buidhe (mar theirteadh gu bitheanta riutha) cho guineach, cruaidh-chridheach, ’s cho innleachdach airson beartan-bàis a dheilbh do ’n naimhdean. Ach bha dòchas aig Aonghas fhathast. Bha fios aige gun robh Calum innleachdach agus misneachail, agus mar sin gun deanadh e beart air choireiginn airson a bheatha ’shàbhaladh. “Agus is docha,” ars’ Aonghas ris fhéin, “gur h-ann a gheibh mi Calum am broilleach na cuideachd.” Tha sinn a faicinn le so nach do chaill Aonghas a dhòchas idir, ’s e nach do chaill. Chuir e roimhe gun toireadh e aghaidh air a choille ghruamach am feasgar ud fhéin air lorg a charaid. ’N uair a thainig e thun a cho-dhùnadh so, thuirt e ris fhéin gu ’m b’ e ’n gliocas dha mu ’m falbhadh e, cuairt eile thoirt an rathad a bha sprùillach na luinge, air chor ’s gun toireadh e leis biadh, agus feuch am faigheadh e arm de sheòrsa air choireiginn.’S e sin a rinn e. Fhuair e pocan beag sgiobalta anns na chuir e na bha dhith air de bhiadh, agus an sin thug e sùil gheur ma chuairt feuch am faigheadh e gunna, na daga, na biodag fhéin, a bhiodh feumail dhà air a thurus. Fhuair e ’n ùine ghoirid ciste chalma ann a sgorr creige a bhuineadh, a réir coltais, do dh’ fhear de na h-oifigich, agus le cnapach mhath de chloich cha robh Aonghas fada ’leigeil solus an latha na broinn, agus a leigeil na bha stigh a mach. An àm a bhi rannsachadh so, smaointich Aonghas air iomadh bodach an taobh thall na chuan a bhiodh ann am Pàrras air feadh gach riomhadh ’us iomasgladh a bha dol a dholaidh air a chladach gharbh so. A measg gach ni fhuair e deagh ghunna agus daga, ’s gach acfhuinn is biadh a [TD 2] [Vol. 10. No. 1. p. 2] bhuineadh dhaibh ’n àm càs na cunnart. Mar an ceudna chuir Aonghas, ged nach robh fios aige c’arson, sgàthan beag, cruinn a fhuair e na phòcaid. Ann an àite eile, a réir coltais, far an do bhristeadh ciste an t-saoir air na creagan, fhuair Aonghas tuagh chnapach nach robh ao-coltach ri tuagh-chatha, agus chuir e na chrios i; agus feumar aideachadh le fìrinn gun robh Aonghas air a dheagh uidheamachadh air choinneamh nàmhaid sam bith a thachradh ris ’sa choille mhóir. Thog e air agus thug e aghaidh an iar-dheas, oir bha e cinnteach gu’ m b’e sin an rathad a ghabh na h-Innseanaich. Cha robh e furasda dhà astar mór sam bith a chuir na dhéigh aig cho tiugh ’sa bha choille—móran do dh’ fhiodh marbh na shìneadh, air chor ’s gu ’m b’ éiginn dha iomadh uair a rathad a ghearradh roimhe. Cha ’n fhac’ Aonghas air a thurus am feasgar ud creutair bu ghairge na coinean. Bha eunlaith gu leor ri fhaicinn, agus air dha giadh fhaicinn a dol seachad os a chionn smaointich e gun cuireadh e deuchainn air a ghunn’ ùr. Suas ri ghuallain bha e, ’s ann an tiotadh bha ’n giadh a nuas ma cheann, car ma char. Cha b’ urrainn a mhusg aig Donnachadh Bàn fhéin deanamh dad na b’ fhearr. An uair a chaidh a ghrian fodha ràinig Aonghas gleann beag, bòidheach, agus bho na bha e gu math sgìth, smaointich e gun cuireadh e seachad an oidhche ann. Leig e e-fhéin sios air an fheur ghorm agus ghabh e biadh. An uair a bha sin seachad shlaod Aonghas pairt dhe ’n fhiodh a bha ma chuairt na shìneadh aig bruaich a ghlinne thun na blianaig a thagh e, agus rinn e seòrsa do chrò airson e-fhéin a dhìon an uair a ghabhadh e tàmh na h-oidhche. Cha robh e fada na shìneadh san daighnich so ’n uair a bha e na chadal cho trom ri cloich, ged a bha nis iomadh seorsa glaodh uamhalta ri ’n cluinntinn a bristeadh sàmhchair na h-oidhche. Cha robh e fada na chadal an uair a thòisich e air bruadar. Shaoil leis gun robh e air mullach beinne a bha anabarrach àrd agus cas air gach taobh, ’s an cuan mor thiomchioll. Shéid a ghaoth, agus shéid i air chor’s nach facas riamh a leithid, ’s esan a sin a sireadh Chalum. Mu dheireadh thall leag a ghaoth e ’s chaidh e sios car ma char leis a bheinn, gus na ràinig e bruaich chas os cionn an uisge far an d’ fhuair e greim. Bha e na éiginn, gun chomas aig’ air e-fhéin a shàbhaladh. Thug e sùil os a chionn ’s chunnaic e òigh àluinn a tighinn a nuas guala na beinne. Dh’ aithnich e glé mhath i. Co bh’ ann ach Catriona? Shìn i mach a làmh mhìn, gheal ga chuideachadh, ag ràdh aig a cheart àm, ’s fiamh a ghaire air a gnuis, “Gabh misneach, ’Aonghais, theid gach ni leat!” Dh’ fhairich e sin i breith air ghuallainn air, ga tharruinn suas gu àite sàbhailte—’s dhùisg e. Dé b’ ioghnadh le Aonghas, an àite Catriona fhaicinn ri ’thaobh mar a bha leth-dhùil aige, chunnaic e gurrach mór, dubh na sheasamh ma choinneamh an taobh a stigh na chrò, agus smùid aige air ithe rudeiginn. Shuath e ’shùilean gu math, an duil gur h-ann a bruadar a bha e fhathast; ach cha b’ ann—bha e ann a sud. Dh’ éirich Aonghas na sheasamh, ’s fhalt ag éiridh air a cheann, ’s chunnaic e gu ’m b’ e mathan mór, donn a bha na chompanach! So an làmh mhìn, gheal a dh’ fhairich ar caraid—spog mhór, dhubh a mhathain a draghadh a phoca bhriosgaid a bha fo ’cheann. An dé cha robh e air son a chorr do na briosgaidean fhaicinn a dol á sealladh sios sgornan mor a mhathain, agus mhaoidh e air, an dùil gu falbhadh e, ach an àite sin’s ann a rug e air Aonghas gu teann, cruaidh, mu ’n d’ fhuair e arm sam bith na laimh. Cha’n’eil teagamh nach robh am mathan a smaointean gun robh e air a dhùnan fhèin, agus mar sin gum b’ iasg gach ni a thigeadh na lion. Cha robh aig Aonghas ach e-fhéin a dhìon mar a b’ fhearr a b’ urrainn e, leis na h-airm a thug nàdar dha, agus bha e ’n dùil a h-uile mionaid gun cluinneadh e ’chnamhan a bristeadh leis na fàsgaidhean cridheil a bha am mathan a toirt air. Mar a fhuair Aonghas buaidh air a mhathan chì sinn anns an ath chaibideal. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. III. ANNS a’ cheart am dh’ fhosgail Codadad an dorus, agus chaidh e sios air staidhre chais gus an d’ rainig e seomar mor fo ’n talamh anns nach robh ach fior bheagan soluis a bha ’tighinn a steach troimh uinneig bhig. Anns an t-seomar so bha corr is ceud pearsa. Bha ’n lamhan ceangailte air an culaobh, agus bha ’n casan ceangailte ri cipeanan. “A chreutairean truagha,” ars’ esan,” bha sibh an duil a h-uile mionaid gu ’n robh bas craiteach faisge oirbh; thugaibh a nis taing do Dhia a chuir an so mise gus fuasgladh a thoirt dhuibh. Mharbh mi an duine dubh a bha gus sibhse itheadh, agus tha mi air tighinn a thoirt nan geimhlean dhibhse.” An uair a chuala na priosanaich na briathran so, rinn iad uile iolach aoibhneis. Thoisich Codadad ri’m fuasgladh; agus a h-uile fear mar a bha e ’fuasgladh dhiubh, bha e a ’toirt cuideachaidh seachad ann a bhith fuasgladh chaich. Mar so fhuair iad uile fuasgladh ann an uine ghoirid. Lub iad uile an gluinean, agus an uair a thug iad taing do Chodadad air son na saorsa a thug e dhaibh, chaidh iad am mach as a’ phriosan. Agus an uair a thainig iad do ’n chuirt, ciod a b’ iongantaiche le Codadad na na prionnsachan oga a a bha e sireadh, agus a bha e ’n duil nach fhaigheadh e gu brath, fhaicinn am measg nam priosanach! “A phrionnsachan,” ars’ esan, “am bheil mi air mo mhealladh? An e sibh fein a tha mi ’faicinn? Am bi do thoileachadh agam gu’ m bi mi comasach air bhur toirt dhachaidh gu bhur n-athair, agus a chridhe gu bristeadh ’g ’ur caoidh? An e nach bi e ’caoidh air son fir dhibh! Am bheil sibh uile beo? Ochan! bheireadh bas aon fhir dhibh air falbh an t-aoibhneas a tha mi ’faireachadh a chionn gu ’n deachaidh agam air bhur saoradh o ’n a bhas.” Rinn an da fhichead prionnsa ’s a’ naoidh iad fhein aithnichte do Chodadad, agus chuir e failte chridheil, chaoimhneil air fear an deigh fir dhiubh, agus dh’ innis e dhaibh gu robh an athair fo dhragh inntinn ro mhor mu’ n deidhinn. Thug iad cliu mor dha air son an fhuasglaidh a thug e dhaibh, agus thug na priosanaich eile cliu is taing dha mar an ceudna. Is gann gu ’m b’ urrainn aon seach aon dhiubh cainnt a chur air cho taingeil’s a bha iad dha. Chaidh Codadad agus na priosanaich gu leir air feadh a’ chaisteil. Fhuair iad anbarr ionmhais ann. Bha sioda dhe gach seorsa ann am pailteas ann, agus aodach air fhigheadh le snath oir; agus moran de sheorsachan aodaich agus de bhathar luachmhor eile a bha ’n duine dubh a’ toirt o na marsantan a bha ’dol troimh ’n duthaich. Bhuineadh earrann mhath dheth do na priosanaich do ’n d’ thug Codadad an saorsa. Dh’ aithnich a h-uile fear dhiubh am bathar bu leis fhein. Thug Codadad a chuid fhein do gach fear dhiubh, agus roinn e an corr de ’n bhathar eatorra. An sin thuirt e riutha, “Cia mar a bheir sibh leibh bhur bathar? Tha sinn an so ann an aite fasail, agus cha ’n ’eil e ’n comas dhuinn eich fhaotainn.” “Mo thighearna,” arsa fear dhe na priosanaich, “thug an duine dubh uainn na camhail a bh’ againn mar a thug e uainn am bathar, agus ma dh’ fhaoidteadh gu ’m bheil iad anns na stabuill aig a’ chaisteal.” “Tha sin coltach gu leor,” arsa Codadad; “seallamaid am bheil iad ann.” Mar sin chaidh iad do na stabuill far an d’ fhuair iad, cha b’ e mhain na camhail, ach mar an ceudna an da fhichead each ’s a naodh air an robh mic an righ a’ marcachd an uair a ghlac an duine dubh iad. Bha seirbhisich dhubha anns na stabuill, ach an uair a chunnaic iad gu ’n robh na priosanaich mar sgaoil, thuig iad gu ’n do chuireadh am maighstir gu bas, agus ghrad theich iad. Cha do chuir duine do dhragh air fhein na chaidh air an toir. Bha aoibhneas mor air na marsantan a chionn gu ’n d’ fhuair iad am bathar agus na camhail agus an saorsa, agus chuir iad rompa gu ’m falbhadh iad air an turus gun dail. Ach mu ’n d’ fhalbh iad, thug iad a rithist mile taing do Chodadad air son gu ’n d’ thug e dhaibh an saorsa. An uair a dh’ fhalbh iad, labhair Codadad ris a’ mhnaoi-uasail, agus thuirt e: “A bhaintighearna c’ aite am bheil a mhiann ort a dhol? Tha run orm falbh ’na do chuideachd a dh’ ionnsaidh aite anns am bheil thu ’dol a ghabhail taimh, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach fhalbh na prionnsachan so gu leir maille rium.” Thuirt mic righ Harrain a beul a cheile gu ’n robh iad a’ cur rompa nach dealaicheadh iad rithe gus am fagadh iad comhladh ri ’cairdean i. “A phrionnsachan,” ars’ ise, “buinidh mise do dhuthaich a tha gle fhad air falbh as a so; agus a bharrachd air sin, bhiodh e tuilleadh is mor dhomh toirt oirbhse falbh ’nam chuideachd air astar cho fada. Feumaidh mi aideachadh nach ’eil duil agam tilleadh do’n duthaich do’m buin mi. Dh’ innis mi dhuibh roimhe so gu ’m buin mi do bhaile mor Chairo. Ach o ’n a nochd sibh a leithid de chaoimhneas dhomh, agus a tha mi cho fada ’nad chomhain-sa,” ars’ ise ’s i ’g amharc air Codadad, “cha bhiodh e ceart dhomh gun an fhirinn innseadh dhuibh. Is nighean righ mi. Thainig righ eile a chogadh ri m’ athair, agus an uair a cheannsaich e an rioghachd, agus a chuir e m’ athair gu bas, b’ fheudar dhomhsa teicheadh le mo bheatha.” An sin dh’ iarr Codadad agus a bhraithrean air a’ bhana-phrionnsa a h-eachdraidh innseadh dhaibh, agus thuirt iad rithe gu’ n robh fior thoil aca fios fhaotainn mu gach mi-fhortan a thainig ’na rathad, agus gu ’n robh iad suidhichte gu ’n deanadh iad gach ni a ghabhadh deanamh a chum an tuilleadh sonais a thoirt dhi. An deigh dhi taing a thoirt dhaibh air son cho toileach ’s a bha iad air cuideachadh a dheanamh leatha, cha b’ urrainn i gun a h-eachdraidh innseadh dhaibh mar a bha iad ag iarraidh, agus thoisich i mar so:— Ann an eilean araidh tha baile-mor ris an canar Darabar. Bha ’m baile so air a riaghladh fad uine mhor le righ a bha araon cumhachdach, moralach, agus subhailceach. Ach cha robh duine cloinne aige, agus b’ e so an aon sonas a bha ’ga dhith. Bha e do ghnath ag urnuigh gu ’n tugadh Dia sliochd dha, agus mu dheireadh rugadh leanabh nighinn dha. Is mise an nighean mhi-fhortanach sin. Cha robh m’ athair toilichte an uair a rugadh mi a chionn nach e mac a bh’ annam; ach chuir e roimhe gu’ m biodh e umhail do thoil Dhe. Thugadh dhomhsa gach seorsa fiosrachaidh agus foghluim a shaoileadh m’ athair a bhiodh feumail dhomh, oir chuir o roimhe, o nach robh mac aige, gu’m bithinn-sa riaghladh an deigh a bhais. [TD 3] [Vol. 10. No. 1. p. 3] Air lath’ araidh chaidh m’ athair do ’n bheinn-sheilg. Thug e an aire do dh’ asal-fhiadhaich, agus lean e cho fad air a toir ’s gu ’n do chaill na daoine a bha comhladh ris sealladh air. Mu dheireadh thainig an oidhch’ air, agus cha robh an t-saoghal c’ ait an robh e. An uair a rainig e iomall na coille do ’n deachaidh an asal as a shealladh, thainig e air lar, agus shuidh e. Cha robh e fada ’na shuidhe an uair a thug e an aire do sholus anns a’ choille. Thug so air a bhith ’creidsinn nach robh e fad’ o bhaile araidh. Rinn e toileachadh ris an t-solus, oir bha e ’n dochas gu ’n cuireadh e seachad an oidhche anns a’ bhaile, agus gu ’m faigheadh e neach eiginn a chuireadh e far an robh na daoine a bha comhladh ris a dh’ innseadh dhaibh far an robh e. Mar sin, dh’ eirich e as an aite ’s an robh e ’na shuidhe, agus rinn e direach air an t-solus. Cha b’ fhada gus an an do thuig e gu ’n robh e meallta ’na bharail, oir cha robh ann ach solus a bha tighinn a bothaig. Ach air a shon sin chaidh e dluth do ’n bhothaig, agus ghabh e ioghnadh gu leor an uair a chunnaic e fuamhaire a bha anabarrach mor ’na shuidhe innte. Bha soitheach mor luma-lan fiona air a bheulaobh, agus bha damh aige ’ga rostadh a bha e air ur-mharbhadh. Bheireadh e balagum mor as an fhion, agus an sin bheireadh e culag as an damh, agus dh’ itheadh e i. Ach b’ e an rud bu mho a tharruinn aire m’ athar, am boirionnach briagha a chunnaic e ’na suidhe anns a’ bhothaig. Bha choltas oirre a bhith ann an doilghios anabarrach mor. Bha a lamhan ceangailte, agus bha leanabh beag mu aois da bliadhna ’na shuidhe aig a casan, agus, mar gu ’m biodh e ’tuigsinn an t-suidheachaidh mhi-fhortainaich anns an robh a mhathair, bha e ’sior chaoineadh gu goirt. Bha leithid do thruas aig m’ athair ris a’ mhnaoi agus ris an leanabh ’s gu ’n do smaoinich e an toiseach gu ’n rachadh e do ’n bhothaig, agus gu ’n tugadh e ionnsuidh air an fhuamhair’ a mharbhadh. Ach an uair a thug e a’ chuis car tiotaidh fa near, thuig e gur docha nach rachadh aige air seasamh ris an fhuamhaire, agus thuirt e ris fhein, gu ’m b’ fhearr dha feitheamh feuch am faigheadh e cothrom air tighinn air gun fhios dha. Aig a’ cheart am chuir am fuamhaire crioch air na bh’ anns an t-soitheach fhiona, agus dh’ ith e corr is leith an daimh. An sin thionndaidh e ris a’ mhnaoi, agus thuirt e: “A bhana-phrionnsa mhaiseach, car son a tha thu, le do raigeann, a’ toirt orm fas cho fiadhaich riut? Faodaidh tu a bhith sona ma thogras tu fhein. Cha ’n ’eil agad ri dheanamh ach gaol a ghabhail ormsa, agus a bhith dileas dhomh, agus bidh mise siobhalta gu leor riut.” “A chreutair oillteil,” ars’ a bhean-uasal, “na bi ’smaointean gu ’n tig an latha anns an gabh mise gaol ort. Bidh tu gu brath ’nad uile-bheist oillteil ’nam shealladh-sa.” Lean i air an doigh so air a chaineadh ’s air a ruith sios gus mu dheireadh an do ghabh am fuamhaire corruich anabarrach mor. “Dh’ eisd mi riut fada gu leor,” ars’ esan, le guth eagallach; “tha ’n gaol a bh’ agam ort a nis air a thionndadh gu corruich. Dhuisg am fuath a th’ agad dhomh, fuath ann am chridhe. Tha mi ’faireachadh gur e mo chorruich is treise na mo ghaol, agus gu ’m bheil mi nis a’ miannachadh do mharbhadh moran na ’s mo na bha mi ’miannachadh greim fhaotainn ort.” An uair a labhair e na briathran so, rug e air fhalt air a’ bhoirionnach thruagh ’na leith laimh, agus an uair a thog e o’n talamh i, tharruinn e an claidheamh leis an laimh eile gus an ceann a sgathadh dhi. Mu ’n do tharr e so a dheanamh chuir m’ athair saighead troimh ’n chridhe aige, agus mharbh o gun sgrid e. (Ri leantuinn.) Darna Bean Phara na Sluasaid LE FIONN. AN uiridh chaidh mi chur seachad na Nollaig le ’m charaid, am Maighstir-sgoil, a tha ’sa Chill-aluinn. A dh’ innseadh na fìrinn ’s e fhéin is duine ’s a’s dithist ’s an sgireachd. ’S e is cleireach Seisein, fear-ciùil na h-eaglais, cho math, ri dreuchd no dhà eile nach ruigear a leas ’ainmeachadh. Nuair a rainig mi co bha air thoiseach orm ach Seumas Mac Cuithein, lighiche òg a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich, a bha, mar bha mi fein, air aoidheachd leis a mhaighstir-sgoil, agus mur’ eil mi air mo mhealladh, na leannan aig Beathaig, a tha cumail tighe le a bràthair. Air feasgar a bha sin bha sinn gu seasgair, blàth ’nar cròilean mu ’n teine, ged a bha, mar thuirt am bàrd— “An oidhche nis air fàs ro shalach, Bhrùchd na tuiltean troimh na gleannaibh, Fhreagair creag is beinn le farum, Fuaim na gaillinn air an raon.” Eadar dhà naigheachd chuala sinn Beathag a bruidhinn ri cuideigin aig an dorus agus ’gan cuireadh tighinn a stigh. Chuir Beathag a ceann a stigh air dorus an t-seòmair, agus ars’ ise ris a Mhaighstir-sgoil—“A Dhòmhnuill, so agad Para na h-eaglais aig an dorus ’s toil aige bruidhinn riut leat fhéin.” “Càirich a nuas a so e,” arsa Domhnull. Agus a tionndadh rium fhéin ’s ri m’ charaid, ars’ esan, “Tha fhios agam an dràsda dé chuir an so an nochd e. Chaill Pàruig a bhean o chionn còrr is bliadhna, ’s tha dà bhantrach air a lorg, is theagamh gu do rinn e suas té dhiu ’phosadh, ’s bithidh e taghail mu na ‘gairmein’—mar ’eil mise air mo mhealladh gheibh sinn sgeul ait.” “Thig a stigh, a Phàruig,” ars’ esan, ’s e tionndadh ris an fhear a bha san dorus, “’s gheibh thu do Nollaig. Ciod air an t-saoghal a chur a mach thu a leithid so de dh’ oidhche?” “Ma ta cha ’n ann a thoirt droch fhreagairt oirbh a tha mi,” arsa Pàruig, “ach chuir an rud a chuir an earb air an loch—an éiginn—direach an éiginn, a dh’ innseadh na fìrinn. Tha gnothaichean air tighinn gu aona-cheann—tha ’n taoim air dol thar nan totaichean, agus thainig mi chur mo chomhairle riubh fein, ma bheir sibh cothrom dhomh; ’s duilich leam dragh a chur oirbh is cuideachd leibh.” “Gheibh thu mo chomhairle,” a Phàruig, “ach so dhuit so an toiseach,” ars’ am Maighstir-sgoil. “So dhuit do Nollaig; is feumail thu air deur beag ad shealbhan ’s an oidhche cho fuar. Suidh a suas ris an teine ’s nuair a ghabhas tu blàthas gheibh sinn do sgeul. Cha ’n ’eil a so ach dà charaid dhomhsa; tha iad le chéile cho Gaidhealach ri gas fraoich, ’s mar sin cha bhi sinn a cosd Beurla orra.” Chuir mi fhein agus Seumas Mac Cuithein fàilte air a bhodachan. Dh’òl e làn na cuaiche ’s chuir siud blàthas air, agus thòisich a theanga air gluasad. “Bha toil agam,” ars’ esan, “’s e tionndadh ris a’ Mhaighstir sgoil, “ur comhairle ’ghabhail mu ’n chùil-chumhainn anns a’ bheil mi an dràsd; oir cha robh duine riamh air a chur thuige mar a tha mise.” “Nach ’eil fhios agadsa, a Phàruig,” arsa ’m Maighstir-sgoil— “Gur lionar trioblaid agus teinn Thig air an fhìrean chòir?” “Tha, glé mhath,” fhreagair Pàraig, “agus air feadhainn nach bi ’n am fìrean idir.” “So so, a Phàruig, thoir dhuinn do sgeul,” arsa ’m maighstir-sgoil, “cho luath ’sa dh’ fhaodas tu. Mur ’eil mise air mo mhealladh tha boirionnach aig bun a ghnothaich.” “Tha, le ’r cead, a dhà dhiu; ach leigibh sibhse leam agus gheibh sibh mo sgeul o bhun gu bàrr. ’Nuair a chaochail Mòrag agamsa, a bhliadhna an Fhoghair seo chaidh, bha mi gun mhath, gun fheum, direach mar eun aig am biodh sgiath bhriste, an uallach dhomh fhein ’s gun mi faicinn ciod am feum dhomh bhi beo. Bha so nàdurra gu leòir, oir ’s e boirionnach deanadach, glic, pongail a bh’ ann am Mòraig—a cuid de Phàras dhi! Cha ’n fhaigh mise a leithid ri m’ bheo! Nuair a bha mi anns an t-suidheachadh so, ’s gun fhios agam co dhiù bha mi beò no marbh, có a thoisich air tighinn gam fhaicinn ach banntrach ruadh an t-seicleir a tha ’s an ath chroit rium. Mheas mi na chaoimhneas i thighinn a dh’ fheòraich cia mar a bha dol dhomh. An sin thigeadh i ’s a’ mhaduinn ’s dheanadh i mo leapa, ’s chuireadh i àird air an tigh, chàireadh i mo stocainean, ’s dh’ fhuaghaileadh i putan air mo bhriogais. Ma bha ’mhaduinn fuar thigeadh i le cuach bhrochain am ionnsaidh fhad ’sa bhiodh mo theine fein a lasadh. Bha i fuasach caoimhneil, coimhearsnachail. Latha bha sin thuit dhi tighinn a stigh ’s mi losgadh mo chrogan a pùradh poit bhuntàta. “Ah!” ars’ ise, “a Phàruig, cha bhi thu ceart gus am faigh thu boirionnach còir, caoimhneil, an àite na te nach marionn, agus bheirinn comhairle ort a bhi air d’ fhaicill o na guanagan chaileag tha dol mu ’n cuairt—gòragan aotrom, gun seadh gun chiall. Amhairc mu ’n cuairt ort, ’s cha ruig thu leas dol fada o’ d’ dhorus féin air son boirionnach stéidheil mu dheich bliadhna fichead—mu ’m aois fhéin, a Phàruig—té a chunnaic obair tighe, ’s do ’n aithne fear a stiuradh?” Thug mi taing is buidheachas do ’n bhoirionnach air son a deadh chomhairle, agus gheall mi dhi smaointeachadh mu ’n chùis. A dh’innseadh na fìrinn dhuibh bha mheas gun robh e fior chaoimhneil dhi a bhi ’g amharc as mo dhéigh fhéin ’s ás deigh mo thighe gun sireadh gun iarraidh. Latha bha sin bha mi cnuasachadh na comhairle a thug banntrach an t-seicleir orm, is có a thàinig a stigh ach banntrach bhras an tàilleir chrùbaich a Baile-nan-clach, a thuit a bhi dol seachad ’san am, ’s thaghail i, mar thuirt i fhein, a dh’ fhaicinn cia mar a bha dol dhomh o’n a chaochail Mòrag—’s ghuil i gu goirt air son na té nach mairionn.’Nuair a thainig i thuige, ars ise, “Bhithinn a nuas gad fhaicinn roimhe so, ’Phàruig, ach bha sùil agam d’ fhaicinn shuas o chionn còrr agus mios. Nach do dh’ innis Seònaid chlaon dhuit gu ’n robh mi gad iarraidh a suas oidhche Shamhna. A Pharuig,” ars ise, ’si ’g amharc orm ann an clàr an aodainn, “bu mhath leam t-fhaicinn a togail ris a nis; rinn thu caoidh air son Mòrag uine chuimseach—trì miosan na ’s fhaide na bha mise caoidh an tàilleir. Gu ’n teagamh dh’ fhaodainnse caoidh mios no dha ni b’ fhaide mar a bhith gun robh piseagan aig a’ chat ann am bhoineid dhuibh—’s chuir sin crioch air mo thuireadh.” “Ille,” ars’ ise, ’s i toirt puradh dhomh anns na h-aiseannan le a h-uileann, “a bheil fhios agad có ’n t-aodann a chunnaic mi anns an sgàthan Oidhche Shamhna ’nuair sheall mi thar mo ghualainn chlith?” Chaog i rium’s ghabh i mach. A bheil fhios agaibh air a so, cha ’n eil fhios agam ciamar no car son, ach thoisich m’ inntinn air togail o’n là a bhruidhinn banntrach an tàillear rium, ’s bha mi gabhail mo ghreim bithidh ni b’ fheàrr. Cha b’ fhada bha banntrach an t-seicleir a toirt an aire dha so, agus bha i ’m beachd gun robh so ag éiridh o bhi leanailt a comhairlean agus ag gabhail a brochain. (Air a leantuinn air taobh 6). [TD 4] [Vol. 10. No. 1. p. 4.] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $l.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d.’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IULAIDH 5, 1901. THA na rioghachdan móra aig an àm so a toirt an cuid airm air falbh á Sína. Agus cha ’n urrainnear a ràdh le fìrinn gu bheil cor na dùthcha ann an tomhas sam bith na ’s fhearr na bha e ’nuair a chaidh an t-arm a chur innte. Tha ceannairc nam “bocsairean” air a cur sios, agus moran de ’n ceannardan air an cur gu bàs, ach tha iadsan bu choireach ris a’ cheannairc a thòiseachadh—a’ Bhan-Impire agus Prionnsa Tuan—fhathast beò, slàn, agus cho luath ’sa dh’ fhàgas an t-arm Eòrpach an dùthaich bidh iad anns na ceart dhreuchdan anns an robh iad roimhe, agus a’ mealtuinn a’ cheart uiread ùghdarrais. Agus cha ’n eil dearbhadh sam bith air a thoirt seachad gu ’m bi an riaghladh an deigh so ann an dòigh sam bith na ’s fhearr na bha e roimhe so. Is dùthaich Sina, agus is sluagh na Sineich ris am bheil e doirbh gnothuch a dheanamh. Tha iad ’nan daoine carach, seòlta, nach seas ri fìrinn no ri bréig ach nuair a shaoileas iad féin iomchuidh; agus an deigh do dhaoin’ eile gach reusonachadh is urrainn daibh a dheanamh riutha, tha iad ’g am fágail dìreach mar a fhuair iad iad. Agus a dhol a dh’ uisneachadh neart riutha, ged a chuireas buidheann glé bheag de dh’ arm Eòrpach an teicheadh air buidheann gle mhor dhiubhsan, tha àireamh cho mór ann dhiubh ’s nach eil dòigh air an toirt fo chìs gu buileach, oir mar a thuiteas duine tha ceud deiseil gu dhol ’na àite. Dh’ fhaodadh na h-Eòrpaich leantuinn air a chogadh ’sa dheanamh cho fuilteach ’sa thogradh iad, ach ged a mharbhadh iad mìle de na Sineich na h-uile latha, an ceann na bliadhna ’s gann a bhiodh iad air an ionndrainn, tha àireamh an t-sluaigh cho mór. Cha robh tuigse cho domhain aig daoine air a chùis so riamh roimhe ’sa tha aca o’n chunnaic iad na saighdearan Eòrpach air an toirt air falbh á Pekin ’s gun ach gle bheag aca ri nochdadh mar thoradh an saoithreach. B’E Di-luain s’a chaidh latha-breth Chanada—co-ainm an latha air an deachaidh na roinnean de ’m bheil i air a deanamh an toiseach a thàthadh ri cheile. Tha ceithir bliadhn’ deug air fhichead o’n chaidh an tàthadh sin a dheanamh, agus cha ’n eil duine breathnachail sam bith nach aidich gu ’m bu mhath an obair e. Bha Canada aig an àm sin air a roinn na roinnean beaga, gach aon diubh sin a fuireach air leth ’s a’ cur air adhart a gnothuich féin mar dhùthaich. Ann an 1867 bha ceithir de na roinnean sin—Nobha Scotia, New Brunswick, Cuebec, agus Ontario—air an aonadh ri cheile mar aon dùthaich fo ’n ainm Canada—ainm a bhuineadh roimhe sin a mhàin do Chuebec agus do Ontario. Uaithe sin chaidh Eilean a’ Phrionnsa, Columbia Bhreatunnach, Manitoba, agus an Iar-Thuath a ghabhail a stigh, gus a nis a bheil Canada a’ sgaoileadh a criochan bho chuan gu cuan. Agus tha an dùthaich gun teagamh a mealtuinn tomhas mor de shoirbheachadh. Tha saoibhreas nadurra innte nach eil ri fhaotainn ann am moran dhùthchannan fo ’n ghréin, agus mar a thatar a’ faotainn sin a mach tha i a’ fàs ann am meas agus ann an neart am measg dhùthchannan an t-saoghail. Cha ’n eil cearna dhe ’n t-saoghal fo bhratach dhearg Bhreatuinn as am bheil an t-seann dùthaich sin cho pròiseil ’sa tha i á Canada, agus tha sinn an dòchas gur ann a bhios a phròis sin a’ dol am meud mar a ruitheas na bliadhnaichean seachad. ’S e ur dùrachd nach leig Canada le moran ùine ruith gus am bi i làn chomasach air a criochan féin a chumail fo dhion iomchuidh, agus mar an ceudna gu ’m bi i a toirt tomhas mor de chuideachadh do’n dùthaich mhàithreil ann an cearnan eile dhe ’n t-saoghal. Bha Canada roimhe so na leanabachd, ach tha i nise air tigh’nn gu aois, ’s air fàs mor, làidir, agus saoilidh sinn gu bheil an t-àm aice tòiseachadh ris an aire thoirt dhi féin, agus mar an ceudna ri cuideachadh a toirt do ’n t-seann mhàthair, a bha o chionn ùine cho fada ’ga dion ’s ga neartachadh. Fir na Seilg. Is lìonmhor iad so an diugh feadh na h-Alba, ach gu sònruichte anns a’ Ghàidhealtachd air eilein is mòrthir. Tha e soilleir gu ’n ceannaich an t-òr gach uile ni a tha bòidheach, blasda ’san t-saoghal; ’s ann mar so a gheibh sinn an duine bochd feadh ghleanntan a shìnnsear air a sgaradh le laghan mi-naomh o fheum a dheanadh do eòin na machrach agus do iasg na mara. Ann an cuid do cheàrnaidhean ’s na h-eileana so tha daoine truagh dìblidh aig nach ’eil ach tuarasdal brònach air son an saothair, a’ pàigheadh air son uisge, adhar agus grian, a rinn an Cruitheir air tùs saor do ’n chinne-dhaonna gu léir. Tha tomhas do choire aig na Gàidheil féin a thaobh cùisean na seilg ’san taobh-tuath. Chuir iad feadhainn a chumas suas na seann laghan a steach do ’n Phàrlamaid, agus mar so tha beul a’ ghearain air a dhùnadh. Feudar a ràdh gu ’m bheil fir na seilg a’ toirt airgiod do ’n tìr; ach ma tha cha ’n ’eil an toraidh uile math. Cha ’n ’eil an t-airgiod so an coitcheannas a’ dol do phòca an duine bhochd; tha e ’na riadh do mhuinntir bhearteach fad as.—Oban Times. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,980.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON. Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 5] [Vol. 10. No. 1. p. 5.] Naigheachdan. Chaidh fiach ceithir millean agus sia ceud mìle dolair ($4,600,000) de dh’ ìm a chur gu ruige Breatunn á Ruisia air a bhliadhna s’a chaidh. Mharbhadh fear Iain Burns air rathad-iaruinn cuideachd a ghuail aig Dominion feasgar Di-sathairne s’a chaidh. Bhualadh e leis a charbad-iaruinn, agus bha a chorp air a mhilleadh gu h-eagallach. Tha teintean a deanamh call uamhasach anns na coilltean an taobh an ear de bhaile Summerside, an Eiiean a’ Phrionnsa. Tha saibhlean air an losgadh gu làr, agus ann an iomadh àite tha raontean mora gràn air an losgadh gu talamh. Mur a sil i an ùine gun bhi fada, ni an teine so call eagallach. Tha ghoirt a laidhe gu trom air earrann mhor do na h-Innsibh. ’S e so an treas bliadhna do àireamh mhor de shluagh na dùthcha sin a bhi fulang le cion a bhidh. Tha an riaghladh Breatunnach, cha ’n e mhàin a deanamh na tha na comas airson na daoine bochda aig an àm so, ach tha i ag ulluchadh airson na bliadhnaichean a tha ri teachd. Tha na mìltean de ’n spréidh air bàsachadh leis a ghoirt mar an ceudna. Di-sathairne s’a chaidh dh’ fhàg fear Lemuel Wamback a dhachaidh ann am Mount Pleasant, an Nobha Scotia, gus feansa thogail, mar a thuirt e-fhéin. Beagan uairean an déigh sin fhuair aon de na coimhearsnaich a chorp an crochadh ri craoibh, far an do chuir e crioch air fhéin. Rinneadh a mach gu ’n robh e as a bheachd aig an àm. Mu fhichead bliadhna air ais mharbh bràthair dha, a bha comhnuidh anns an àite cheudna, a bhean ’sa chuid cloinne, agus bhàth e e-fhéin ann an tobar. Mar a tha fios aig gach neach ’s e Breatunn an rioghachd a’s cumhachdaiche an diugh air uachdar an domhain. Tha sinn a cluinntinn an drasda ’sa rithist gu bheil na rioghachdan eile an dul co-aontachadh ri cheile, ma ’s fhior, gus Breatunn a chur bun os cionn. Dh’ fheuch Bonaparte ris an ni so a chur an gniomh roimhe. Agus ma dh’ fhaodte gu bheil comhairlichean air rioghachdan an diugh a tha cho dàna ’s gu ’m bruidhinn iad air a leithid an diugh. Aidichidh gach neach nach ’eil moran fìrinn anns an fhathunn so. ’S e gliocas gach rioghachd an aire thoirt air an gnothuichean fhein; oir tha sinn am barail nam feuchadh iad ri Breatunn a shluigeadh gun tachdadh iad anns an oidhirp. Tha duine ann an Chicago do ’n ainm Alasdair Dowie a tha cumail a mach gur e-fhéin am fàidh Eliah, agus gu ’n d’ fhuair e gach cumhachd a th’ aige gus a leighisean iongantach a chur an gniomh bho Dhia. Tha e ag ràdh nach ’eil agad ach dòchas a chur ann fhéin, agus creidsinn gu bheil an cumhachd so aige, agus ma tha tinneas sam bith ort leighisidh esan thu le amharc ort—’s e sin ma gheibh e an uiread so dh’ airgiod—na thogras e-fhéin iarraidh. Tha iomadh duine truagh ann a Chicago cho faoin ’s gu bheil iad a creidsinn a chealgaire so. Dh’ eug iomadach neach mar tha air sailleabh Dowie, nach biodh cnead orra na ’m biodh iad air dotair fhaicinn. Bu choir do ’n lagh greim a dheanamh air an duine so agus duais a maortair a thoirt dha, ni a thoill a bhéisd o chionn fada. Tha sluagh na h-Eileanan Breatunnach an deigh an àireamh a dhùblachadh ann an ceithir fichead bliadhna. Anns an ùine sin chaidh sluagh na h-Eirinn sios da mhillean, agus tha dha uiread a comhnuidh ann an Alba an duigh ’s a bh’ ann an 1821. Tha sia millean coig ceud agus ceithir fichead mile (6,580,000) a comhnuidh ann an Lunnainn—barrachd ’sa tha comhnuidh ann an Canada gu léir. A ghabhail th’ air a cheile tha aireamh an t-sluaigh ann am Breatunn a ruigheachd 41,454,000. Na Seanfhacail agus a’ Ghaidhlig. Cha ’n e moladh nan seanfhacal Gaidhealach a tha air m’ aire idir. B’e sin an obair gun doigh. B’e sin innseadh air fios, innseadh a’s miosa air bith. B’e an t-ìm ’ga chuir do thigh àirich, a bhi ’gam moladh do na Gaidheil. Agus is e na Gaidheil a chuideachadh a bha riamh ’nam bheachd, agus gur ann daibh a ni mi sgriobhadh. Mur faighear Gaidhlig aig na Gaidheil, co aige gheabhar i? Cha ’n ’eil ach i de cheangal aig na Gaidheil air a cheile. An la dh’ fhalbhas i, falbhaidh na Gaidheil mar an ceudna air feadh nan Sasunnach; theid an sluigeadh, agus gun aca ach an t-ainm gun an tairbhe. Ciod e a tha eadar na Frangaich agus na Sasunnaich? Cha’n ’eil ach an t-aon rud, a’ chainnt. An uair a thig am Frangach gu Sasuinn agus gu’m pòs e ban-Sasunnaich gun suim aice do ’n Fhraing, cha Fhrangach e ni’s mò, agus cha Fhrangaich a chuid cloinne. Cha’n aithnichear dùthchas an athar orra idir. Agus a thaobh nan oghachan, cha chreideadh na Sasunnaich fhein nach bu Sasunnaich eile iad. Is ionann cainnt agus duthchas. Is ionann cainnt agus braithreachas. Is ionann cainnt agus càirdeas, seadh agus is ionann cainnt agus comh-dhaltas; sin facal gun a leithbhreac ann fo’ n ghréin a thaobh spionnaidh, treòir agus buan-ghaoil. An duine leis an caomh na Gaidheil, is binn leis a’ Ghaidhlig. Is binn gach ian ’na dhoire fein. Is ard ceann an fhéidh ’sa ’chreachann. Is bòidheach an luchag ’sa ’mhir arbhair. Sin agaibh na seanfhacail, a’ chairdean, a’ leigeil ris duinn nach coir sgaoileadh far an tigear air a’ cheile. Cha choir dealachadh a bhi eadar na Gaidheil agus an cainnt. Agus am fear leis am bu mhath an cumail ri ’cheile, is e an ni a dheanadh e na seanfhacail a chuir ann an caraibh nan Gaidheal far an tigeadh orra gu furasda, gun spàirn, agus dh’ fhàgadh an cleas sin ni bu siubhlaiche air teanga a luchd-duthcha iad. Is e smìor na Gaidhlig a tha anns a’ mhòr-chuid de na seanfhacail, gun taing do ’n Bheurla. Is ann orra tha ’n dreach snasmhor is glaine gearradh. Bha na Gaidheil riamh ainmeil airson an speis do’n bhòidhchead. Mar is mò a gheabh iad greim air na seanfhacail is ann is mò a bhios speis aca do ’n Ghaidhlig. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228 Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 6] [Vol. 10. No. 1. p. 6.] (Air a leantuinn o thaobh 3). “Is taitneach,” arsa mise, “coimhearsnaich chàirdeil, chaoimhneil a bhi aig daoine.” “Tha amharus agam a nis ciamar a bha cuisean a ruith,” arsa ’mhaighstir sgoil; “greis gu ceann do sgeòil sam faic sinn co te de na banntraichean a bhuidheanas an réis, a Phàruig.” “Buidhinn,” arsa Paruig, “bhuidhinn iad le chéile ann an dòigh, ach an dòigh eile cha do rinn a h-aon dhiù moran domh; ach tha moran agam ri innseadh fhathast mu ’n ruig mi deireadh mo sgeòil. Ach a thilleadh gu ’m naigheachd. Bha mo bhriogaisean caithe air an càradh cho tric nach robh fhios agam fhein ach gann ciod a bu dhath dhaibh an toiseach. Agus latha bha sin arsa banntrach an t-seicleir, ’si ’g amharc orra, “cha ghabh na briogaisean caradh tuille—cha ’n ’eil iad coltach ri duine deanadach ’sam bith, gun tighinn air Maor Eaglais. Tha paidhir agam shios ’san tigh a bh’ aig an t seicleir, cha robh iad air leth-dusan uair riamh, agus tha fhios agam gu ’m freagair iad dhuit.” Thug i nios iad an ath latha ’s dh’ fhàg i agam iad. Bha sin air Di-haoine. Air Di-dòmhnaich co rinn a suas rium fhéin air an rathad dhachaidh ach banntrach bhras an tàilleir chrùbaich, agus ars’ ise, “tha ad agam shuas a siud a bh’ aig an taillear, ’s tha fhios agam gum freagair i dhuit, cho math ris a chota gorm leis na putain bhuidhe,—’se do bheatha ’gan ionnsaidh. Thig a nios feasgar an ath-oidhch agus feuch ort iad.” Arsa mise rium fhein, ‘tha ’m Freasdal a cur orm,’ agus o’n nach robh toil agam dol an aghaidh toil an Fhreasdail, suas ghabh mi aig ciaradh an fheasgair agus thill mi dhachaidh leis a chota ghorm ’nam achlais, agus an ad air mo cheann. Tha ’n ad rudan beag tuilleas mor air mo shon, thig i ’nuas thar mo chluasan cor uair, bha ceann fuasach air an tàillear; fhuair e bàs le uisge ’s a cheann. Bha mi moiteil as an ad, oir chitheadh tu t-fhailleas innte, agus gu sonraichte as a chota ghorm ’s na putan bhuidhe, agus dé rinn mi ach innseadh do bhanntrach an t-seicleir cho caoimhneil ’sa bha banntrach an tàilleir, agus chur mi orm iad ’gan leigeil fhaicinn dhi, ’s bha mi cho moiteil ri aona bhalachan a fhuair briogais air son na ceud uaire. Ach fhearaibh ’sa ghaoil, o ’n latha sin thoisich mo thrioblaidean. Mun tainig crioch air an t-seachdain bha mo thigh air a dhinnedh le airneis o dhorus gu anainn, cho làn ri aon sgeap-sheillean a chunnaic sibh riamh, oir thug bantrach an t-seicleir an aire gun robh cas ghoirid air a bhòrd ’s cha ’n fhòghnadh leatha ach gu ’n tugadh i stigh a bord fhein. Leis a’ bhòrd thug i stigh sea cathraichean—cathair mhor da laimh ’s cathair bheag leinibh agus chàirich i air an ùrlar iad. An sin shuidh i aig taobh an teine agus ars’ ise, “Nach grinn tha iad a freagairt an tighe—’sann a shaoileadh tu gun robh iad air an deanamh air son an tighe so.” “Theagamh gun robh,” arsa mise gu neo-chiontach, ’s gun mi breanachadh ciod a bha na h-inntinn-sa, ’s air falbh ghabh i ’s i gogadaich coltach ri cearc an deigh éiridh bhar a nid. Na dhéigh sin cha robh latha nach robh ball airneis ùr a tighinn a stigh do ’m thigh—aodach leapa aon latha, poit latha eile, cuinneag an diugh is meadar am màireach, gus mu dheireadh an gann a dh’ fhàg i stop airneis na tigh fein. Tha e coltach gun cuala banntrach bhras an tàillair mu chùisean, oir thoisich ise agus rinn i cheart leithid ri ceann eile an tighe—lion i an seòmar làn chathraichean is gach ni dà réir. Ars’ ise, “Chunnaic mi ann am bruadar na thug orm so a dheanamh, agus cha bhi thu ach a dol calg dhìreach an aghaidh an Fhreasdal ma dhiùltas tu uiread agus aon chathair.” Bha mi feineil gus a nis, ach chuala mi guth ag ràdh, “c’ar son a bhidh tusa ad shuidhe air caithrichean grinn, socrach, ’nuair a tha’n duine air am bheil thu ’n geall na shuidhe air bòrd lom cruaidh.” Tha mo thigh cho làn airneis gur gann a gheibh mi dol a laidhe, ach ’se mo bharail gun feum cartadh mor a bhi ann, oir, a dh’ innseadh na firinn, thàinig mise a so a nochd a chur a stigh nan gairmean. “An e gu bheil thu dol a phosadh na dithist?” arsa am Maighstir-sgoil. “Is mi nach ’eil,” arsa Pàruig—’s e mo bheachd nach pòs mi h-aon de ’n dithist, ach cha ’n ’eil am bonnach beag bruich fhathast, cha do rainig mi deireadh mo sgeòil. ’Nuair a bha [?] air mo theannachadh ’s air mo chuartachadh leis an da banntraich ’se bha ’m inntinn gun faodainn na bu mhiosa ’dheanamh na te dhiu a phosadh, ach bha fhios agam na ’n deanain so gum biodh an te eile air an dearg chaothach ’san rùn na biodaig rium ri m’ bheò, ’s mar so ghiùlain mi leotha. Dh’ innis banntrach ruadh an t-seicleir dhomh gun robh a h-uile duine san sgìreachd a faicinn gu ’n robh banntrach an tàillear a bristeadh a casan as mo dhéigh, ach ars’ ise, “cha bhiodh tu duilich a thoileachadh nan gabhadh tu té a chur a fear do ’n uaigh le struighealas—cha ’n ’eil de dh’òr san rioghachd na chumadh rithe—agus bha a cheart naigheachd aig banntrach bhras an tàillear mu bhanntrach an t-seicleir, ach a mhain so, gun do chuir ise gu bàs a fear leis a chruas. Feasgar a bha sin thuirt mise rium fhein, “cha dean so an gnothach, feumaidh cead mo choise ’bhi agam ’nam thigh fhein; theid mi suas ’s gabhaidh mi comhairle a mhinisteir. Chaidh mi thun dorus tigh a mhinisteir ’s cò dh’ fhosgail e ach an searbhanta, Ceit Raonaill. “Thig a stigh a Phàruig,” arsa Ceit, “tha an oidhche fuar ach tha teine math agam ’sa cheann so de ’n tigh; tha cuideigin leis a’ mhinisteir an dràsd.” ’Nis ’se caile blàth-chridheach a th’ ann an Ceit Raonaill agus tha facal aoidheil aice daonnan ri radh rium REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna—— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 7] [Vol. 10. No. 1. p. 7.] ’san dol seachad, ged nach rachadhmid riamh ro dhàn air a chéile—agus chaidh mi stigh leatha, shuidh sinn is thòisich sinn ri conaltradh. “Suidh a stigh thun an teine a Phàruig,” arsa Ceit, “tha ’n oidhche fuar.” Shuidh mi fhein a stigh. “Is ciamar a tha thu nochd?” ars ise gu cridheil, caoimhneil. “Tha mise gu h-eibhuin,” arsa mise, “ciamar tha thu fhein?” “Math gu leoir ’am shlàinte,” ars’ ise, “ach air mo chlaoidh ann am spiorad, agus tha mi ni ’s miosa ’n uair thig an t-anmoch mar so, oir tha eagal orm roimh na bòcain. Suidh ni’s dluithe orm a laochain ’s mi fo uamhar.” “Suidh thusa ni’s dluithe ormsa,” arsa mise, “is thig e gus an aona chuid.” Shuidh Ceit teann orm fhein. “Uist, a Phàruig,” ars’ ise—’s i ’g amharc an taobh a bha ’n uinneag. “Cha tuirt mise facal,” arsa mise. “Ach nach cuala tu rudeigin?” ars’ ise, ’s i tarruing a chathair teann ri m’ thé-sa. “Cha chuala mis ni ach plosgail mo chridhe,” arsa mise. “Oh, mise!” ars’ Ceit, “theid mi ceàrr ’san inntinn! cuir do làmh mu ’n cuairt orm a laochain.” Chuir mi fhein mo laimh mu tiomchioll. “Cum teann mi, a’ Phàruig, air neò theid mi seachad,” ars’ ise. Chum mise teann rium i le m’ uile neart. “O, a Phàruig,” ars’ ise, “cha chuireadh na bòcain iomagain orm na ’n robh thusa daonnan ri ’m thaobh; ach cum teann mi gus am faigh ’mi thairis air an eagal so.” Chum mi cho teann ri m’ thaobh i ’s nach ’eil fhios agam ciamar nach do bhrist mi a h-aisnean. Bha sinn nar suidhe mar so car tacan mu choinneamh an teine ’n uair thuit dhomh fhéin sùil a thoirt mu’n cuairt, is co a bh’ air ar culaobh a faicinn ’sa cluinntinn na bha dol’ ach am minister ’sa bhean. “Tha mi toillichte gun tàinig sibh,” arsa mise, “oir cha ’n ’eil Ceit ach bochd.” “Tha mise toillichte gun tàinig mi cuideachd,” ars’ am ministeir glé ghobach. “Bha amharas agam gun robh a chuicheanachd so a’ dol air aghaidh; ach chunnaic mi air mo shon fhéin e nis. Rach thusa dhachaidh ’Phàruig,” ars’ esan, “agus ma bhios gairmean pòsaidh eadar thu féin is Ceit a stigh romh Dhi-dòmhnaich so tighinn cha bhi ’n còrr mu ’n ghnothach, ach mar bi bithidh tu fhéin agus ise mu choinneamh an t-seisein. “Air m’ fhacal cha b’ urrainn domh facal a ràdh as mo leth fhein agus sheap mi mach gu simplidh, coltach ri fear a gheibheadh buille ’s an t-sròin. Sin agaid a nise mo sgeul agus thàinig mi a so a nochd a chur a stigh nan gairmean. Dé ar barail?” Chuir am Maighstir sgoil mu ’n cuairt a chuach’s dh’ òl sin uile deoch slàinte bean-na-bainnse, ’s chaidh Pàruig dhachaidh a bruadar air a bhanais. Chuala mi gun deachaidh am pòsadh oidhche na Bliadhn uire. Nuair a chual an da bhantrach gun robh car ùr an ruidhle bhodaich thainig banntrach bhras an tàilleir a’ dh’ ionnsaidh banntrach ruadh an t-seicleir, agus ars’ ise “Nach sinn an dà oinsich? De tha sinn a dol a dheanamh mu ’n àirneis ’s an t-aodach leapa a thug sinn do Phara na h-Eaglais?” “Cha ’n ’eil fhios agam de tha thusa, dol a dheanamh,” arsa bean an t-seicleir, “ach tha fhios agam de rinn mise. Chaidh mi Di-luain ’n uair a bha am bodach mosach a mach agus thug mi leam a h-uile ball àirneis is rud eile a thug mi dha.” “Rinn thu sin gu gleusda,” arsa banntrach an tàilleir, “ach tha thusa aig làmh; cuiridh mise litir a dh’ ionnsaidh Phàruig e a chur dhachaidh na fhuair e uamsa.” Tha e coltach gun do rinn i so. ’S mar do shiubhail iad o sin tha iad beò fhathasd. Feudar a ràdh nach ’eil atharrachadh eadar am bochd agus am beartach, ach a mhàin so, gu’ m bheil am bochd a’ fulang truàighe, an uair a ta am beartach a sealbhachadh truaighe. Is fearr gu mòr bàs an ionracain na beath an eucoraich. Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Laoidhean Dhughaill Buchanain .10 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dha ’n stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr Amy Mhoraidh. FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH. (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E, 14th St., New York. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS: Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI., - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI., - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 8] [Vol. 10. No. 1. p. 8.] Taladh Iain Mhuideartaich. LE IAIN MAC ODRUM. Air là àraidh air do Iain Mac Odrum, am bàrd, tighinn á Uidhist mu thuath do Bhaile-nan-Cailleach, mhothaich Mac-’ic-Ailein dha a nuas an cladh, ’s dh’ fhalbh e ’na choinneamh, agus Iain Mùideartach, ’s e ’na phàisde beag, aig’ air laimh. Suas thun a’ Bhail’-àird chuir e bonn òir an laimh a phàisde ’s dh’ iarr e air ruith an coinneimh a’ bhàird ’s a thoirt da. Rinn am pàisde so. Dh’ fhaighneachd am bàrd deth an robh aige dh’ airgiod ach sid, agus fhreagair e nach robh. “Mata,” ars’ am bàrd, “cha ’n ’eil aon oighre fearainn ’s an t-saoghal a bheireadh dhomhsa a chuid gu h-iomlan ach thu fhéin.” An sin thug e ’m pàisde ’n a uchd ’s choisich e sios thun an taighe, ’s cha ghabhte uaith e gus an deanadh e òran dha. Dh’ iarr am bàrd mar fhàbhar a dh’ ùine thoirt da fhad ’s a bhiodh e dol timchioll a’ ghàraidh-chàil. Fhuair e sid; agus ’n uair a thàinig e air ais sheinn e ’n t-òran so. Rugadh Iain Mac Odrum ’sa bhliadhna 1710 agus dh’ eug e an 1796. Mhoire! ’s e mo rùn an leanabh, ’S tu mac oighre Mhic ’ic Ailein, Ogha ’s iar-ogh’ nam fear fearail, Chaidh ’ur n-alla fada ’ga cur. B’ fhearr leam féin gu ’n cinneadh sin dhuit, Aois, ’us fàs, ’us àilleachd an cruth, Maise, ’s féile, ’s géire le guth. Taing do ’n Ard-righ thu bhi firionn, Chum ’s gu ’m meudaicheadh tu ’n fhine, ’S gu ’m biodh tu a’ d’ spailp air do Chinneadh, ’S an deagh ionad ’s a’ bheil thu ’n diugh. Bhi gu sìobhalt’ bhuineadh sid dhuit, Garg ’us mìn mar chàirte ri d’ uchd, Pailt, ’s rioghail, ’s aoidheil mu d’ chuid. B’ fhearr leam fhéin gu ’n cluinneadh cach e ’N uair nach bithinn fhéin a làthair, Iain Mùideartach bhi ’na àrmunn, Air an làrach am bheil e ’n diugh: ’N a cheann tàmha ri tàrmunn puirt, Anns an àros ’n seinnear a’ chruit; ’S bhiodh do chàirdean mànranach riut. Thaobh do sheanar ’us do shean-mhath’r, Craobh a b’ aithne dhomhsa ’leanmhuinn, Comunn mo rùin a dh’ fhàs ainmeil, As an ana-meinn cha d’ rinn iad bun. Cha robh mi-run fillte ri ’n cruth; Iochdmhor, fiachaìl, ’s fialaidh mu ’n cuid, Cliù, ’us ciatamh, ’s rianadh le guth. ’S iomadh rioghachd agus nàisean. ’S an do mheudaich sibh ’ur càirdean, Mar ’rinn sibh ri Prionnsa Tearlach, ’N uair bha ’ghràisg a’ bagairt a mhort. Lean an dùthchas cliùteach ud riut— Dol an cunnart d’ anma ’s do chuirp; Thaobh an cùil cha tionndadh iad stuth. Fir Chnoideart ’s ann leibh gu ’n druidheadh, ’Rachadh mar sheabhag ’s na druidibh B’e beachd ’ur naimhdean bu ghlice, Thaobh ’ur misnich gu ’m b’ fhearr dhoibh sgur. Luchd ’ur eucoir ghéilleadh iad tur. Meud ’ur beuma, ’s géireadh ’ur luinn, ’N déigh an léireadh b’ éigin dhoibh sgur. An fhinne mhor ’s am pòr dh’ fhàs ainmeil, Domhnullaich, ’s Raonullaich chalma, Bha gu fuilteach, stròiceach, feargha, ’N uair a chàirte ’n arguin ri ’n uchd. ’S e Clann Raonuill bhoillsgeadh mar thuil, ’N àm na caornaig chraosgladh iad fuil; Fearg ’nan aodann’s b’ aognaidh an cruth. C’àite an robh iad riamh ri’n àireamh, ’S iad ’nan seasamh ri h-uchd nàmhaid, H-aon a bhuadhaich air Clann Rà’uill? ’S iomadh àrach’s an d’ rinn iad bruth, Le ’n gaoir-chatha farum an uilc; Cinn ’gan sgathadh, snaitheadh air cuirp; Luaidhe treabhadh domhain troimh ’m fuil. C’àit’ an cualas riamh ri’n àireamh, ’S iad ’nan seasamh air cùl Spàintich, H-aon a bhuadhaich air Clann Rà’uill? Gnùis gun fhàillin, stàilin mar stuth; Dream gun eagal, ’sheasadh roimh ’n trup; Cruaidh, gu fearail, tarruing air stuic; Stialladh ghearran ’s fhear air a muin. Bha Clann Rà’uill treun aig ’Arla; ’Nuair ’bhrosnuich Lachlann am bàrd iad, Sheas iad dìleas mar an stàilinn Gus an robh ’n nàmh toileach air sgur. Na fir àluinn àireamh dhiu thuit, ’S cha bu nàr dhoibh tràghadh air fuil; ’S b’ iomadh àrmunn ’bhàsaich le guin. An cuimhne leibh là blàir Léine? Bha na Frisealaich ’nan éiginn, Cha d’ shàbhail fear as a cheud diu, ’S ghléidh sibh féin bhur cuid gus an diugh. Na fir thaobhgheal’ b’ fhaobharach guin Luaidheadh aodach caol agus tiugh; Cloithean màdair ’s càrnaid ’nan cur. Ri linn Alasdair ’s Mhontròis, Bha sibh ’nar caithream an Lòchaidh; Bu ghleusda, baranta, Dòmhnull, Leomhann crò ’s an tòrachd a muigh. Bha ’ur naimhdean diolta dhe ’ur cluich; Thug iad maoim a mach air a’ mhuir, Broinn air bhroinn a rùith leis an t-sruth. B’ iomadh fear-cleòc’ agus Aibid, Bha chòta cho fliuch r’a chaiseart, Fòghlum an t-snàmh’ nach robh aige; Air an aigeal luidh iad air ghur. Cha robh daol a’ faochnadh an cuirp; Oir bha ’n aodach caol agus tiugh; Ni nach b’ ioghnadh, ’aognaidh’s e fliuch. Là eil’ ann an Coille-chnagaidh, Dh’ fhalbh Mac-Aoidh ’s gu ’n d’ fhàg e ’bhaggage, B’ fheumail an gniomh rinn an t-each dha, Air na bh’ aige chair e droch bhuil. B’ iomadh sonn a b’ fhonn’oire guth, Bh’ air Raon-Ruairidh ’s fuaran o’n cuirp, Cinn ’us gruagan luidht’ ann am fuil. Là eil’ ann an Sliabh an t-Siorraim, Cùis an àir a dh’ àraich tioma, Thuit Ailean an neart an teine; Leomhann smearail’s b’ fhearail a chruth. ’S truagh an tòrachd ’thàinig thar muir, Dh’ fhàg sid leòinte ’stigh sinn ’s a muigh; Nis, sinn stòlda ’s còir dhuinn bhi sgur. Triall nan Creidmheach. LEIS AN URR. D. B. BLAIR, NACH MAIREANN. Luinneag— Gabhaidh sinn an rathad mòr, Gabhaidh sinn an rathad mòr, Gabhaidh sinn an rathad mòr, Olc air mhath le Sàtan. Olc air mhath le cloinn an t-saogh’l, Olc air mhath le cloinn an t-saogh’l, Olc air mhath le cloinn an t-saogh’l, Bodaich chaol an àrdain. Siubhlaidh sinn tre ’n fhairge Ruaidh, Gheibh sinn thairis air gach truaigh’, Ged a bhiomaid thuige ’s bhuaith’, Fad ar cuairt san fhàsach. Ged bhiadh Eiphitich ’nar déigh, Gus ar toirt a ris fo ghéill, Cha tig maille air ar céum, Cha tig beud gu bràth oirnn. Gabhaidh sinn mar sin ar triall, Gus an ruigear leinn an sliabh, Ionad far nach laidh a’ ghrian, Cha tig pian no bàs oirnn. Diridh sinn beinn Shion suas, Far am meal sinn aoibhneas buan; Seinnidh sinn le caithream buaidh Dh’ aindeoin sluagh an nàmhaid. Triallaidh sinn an ainm an Righ; Ni sinn cogadh agus stri, Gus an ruigear leinn an tir ’S am bheil sith neo-bhàsmhor. Ged tha ifrinnich air ti Sinne chur le foill gu dith, Bidh sinn tearuint aig a’ chrich Dh’ aindeoin innleachd Shàtain. De Witt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A.W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up show-cards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bho o dith,- lar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadhna. [TD 9] [Vol. 10. No. 2. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 12, 1901. No. 2. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. VIII. “Cha robh leithid do eacarsaich Air Eachunn mor na Tròidhe; Na idir air Hercules, Na fiantaichean na Féinne.” THOISICH a ghleachd; agus b’e sin a ghleachd! Cha b’ fhada sheas an daighneach aig Aonghas an uair a thòisich an ùpraid. Tha fios aig a h-uile duine gum bheil mathan air chreutair cho làidir ’sa th’ ann dha urad. Agus faodar a thuigsinn dé ’n neart a bh’ ann a fear anns an robh ceithir na coig ceud punnd mar a bh’ ann am mathan Aonghais. Mar a thuirt mi cheana bha Aonghas na ghaisgeach neo-chumanta, agus bha feum aige air a sin iomadh uair. Gu teann, cruaidh bha iad a sàs na chéile, an Gàidheal an dùil gu ’m b’e h-uile mionaid a mhionaid mu dheireadh dha. Ach bha cridhe math aige, agus cumail ris, agus ’s ann an oidhche ud a fhuair am mathan a mach dé rachadh aig laoch a fhuair a bheathachadh air min choirce ’sa dh’ fhàs suas ann am fàileadh cùbhraidh an fhraoich a dheanamh an àm gàbhaidh. Fhuair e dha làimh mu amhaich na béisde, agus le ionnsuidh chruaidh theannaich e ’ghreim iarnaidh, cumhachdach. Thionndaidh sùilean a mhathain, agus le spairn dheireannach dh’ fheuch e ri faighinn cuibhteas am bodach-mara uamhasach a bha mu ’amhaich, ach cha deanadh e ’n gnothuch. Thainig cop fola mu ’bheul, ’sa theanga mach troimhe—thuit na spogan mora marbh ri ’chliathaich—ach cha do leig Aonghas as e na dheigh sin, gus an robh e cinnteach gun robh e cho marbh ri sgadan. Bha e greis ag amharc air a bhéisd mhoir a bha na shìneadh gu seimh aig a chasan, agus an sin shuidh e làmh ris, ’s e gu math sgìth le iomadh lot o innean a mhathain, ach gu fortanach cha robh aon dhiubh dona. Chaidh e na shìneadh. Bha bian a mhathain, ’s coltas mìn, blàth air, ’s chàirich e ’cheann air. “Cha do chuir mi cluasag riamh fo m’ cheann cho soc—” ars’ Aonghas, ’sa shùilean a dùnadh mu ’n do chriochnaich e na briathran. An uair a dhùisg e, bha ghrian gu math àrd. Bha e gu math brùite, ach an deigh dha e-fhéin a nigheadh’san allt a bha faisg, agus biadh a ghabhail, bha e cho math’s gun do thog e air aon uair eile. Bha e mar so a falbh corr is da sheachdain gun duine beò fhaicinn na chluinntinn. ’S iomadh beinn is gleann a dhìrich ’s a thearn e ré na h-ùine sin, agus is iomadh uair a bha e smaointean nach b’ urrainn e dhol na b’ fhaide. Ach far am bi toil bidh gniomh; géillidh gach cunnart is gàbhadh air a cheann mu dheireadh ach sinn stri chruaidh a chumail ris. Thainig e air aon latha gu amhainn mhor, fhuaimneach, air an robh sruth làidir, agus bha eagal air ionnsuidh a thoirt air a snàmh, aig cho garbh’s a bha coltas. Thug e ’n aire gu ’n robh buaile mhath de chrodh fiadhaich shios fad a sheallaidh air an taobh eile dhe ’n amhainn, agus beagan air an taobh air an robh e fhéin, sios bhuaithe, mar gum biodh iad air son a dhol a null. Lean Aonghas iad gu fàilidh, agus an uair a ràinig iad mu choinneamh chàich, thug iad an aghaidh air an amhainn a shnàmh. Leum Aonghas nan deigh, agus rug e air earball air seann tarbh nam measg, agus fhuair e aiseag gu sàbhailte. Ach leis an ioghnadh a ghabh a bhrùid bhochd, thug e na buinn as ’n uair a fhuair e tìr, ’s cha ’n ’eil cinnt na stad e fhathast. Air feasgar àraidh bha e triall, ’s e fàs gu math trom-inntinneach, air feadh nam fàsaichean gun chrìch a tha ’n ceann a tuath America. Thainig e gu cnoc àrd, agus shuidh e na mhullach, ’s e glé sgìth ’m bodhaig ’s an inntinn. Bha e greis a dol fo smaointean ma cho caochlaideach’s a tha an saoghal. “Tha mi ann an so,” ars’ esan ris fhéin, “a siubhal o latha gu latha, gun fhios agam c’àite ’bheil mi, na c’àite ’bheil mi dol—a ruith faileas, mar gu ’m b’ eadh. ’S fhada bho ’n a chuala mi mu bhith sireadh snathaid an cruaich fheoir. Agus gu dearbh tha mi cinnteach, ged a bhiodh Alba bheag, ghràdhach fo chruaich fheoir uile gu leir, gu ’m biodh e na b’ fhasa snathad fhaighinn innte na tha e dhomhsa Calum fhaighinn ’s na fàsaichean uamhasach so, gun cheann, gun chrìch. Ach gheibh foighidin furtachd; cha toir mi suas fhathast, ged a thigeadh orm America a shiubhal o cheann gu ceann!” Dh’ eirich Aonghas na sheasamh, an uair a bha e sgìth bruidhneadh ris fhéin mar so. Bha e nis air fàs na chleachdadh aige a bhi ’còmhradh ris fhéin an aonaranachd an fhàsaich. Sheall e ma chuairt mor thimchioll. Dé bha ’n sid? Coltas smùid bheag ag eiridh os cionn nan craobh, tri na ceithir de mhìltean air thoiseach air. Las a shùil—cha robh cuimhn’ air sgìos—bheothaich a dhòchas, ’s thog e air a rithist. Chuir e aghaidh gu h-aigeannach air an smùid a bha ag éiridh gu seimh os cionn nan craobh, far an robh, bha e ag ràdh ris fhéin, duine no daoine fiadhaich air choireiginn a faighinn deiseal an suipearach. Cha robh ’bheòlaind fhéin ach caol o chionn àireamh làithean, agus ghreas so a cheum airson a bhi na chuid, nan gabhadh e bhith. Bha e ag éisdeachd le uile chumhachd a chluasan, feuch an cluinneadh e faragradh sam bith, na guth duine, dubh na geal; dheanadh e toileachadh ri seòrsa sam bith aig a cheart àm. An uair a bha e na sheasamh mar so greis a dh’ ùine ri taobh tom preaslaich, shaoil leis gun cual’ e gluasad air chùl an tuim. Thionndaidh e a dol a dh’ amharc, an uair a fhuair e buille ’sa cheann, a chuir mìle rionnag a dhannsa mu choinneamh a shùilean, ’s thuit e. An uair a thàinig e uige fhéin, chual’ e godail iongantach a chuir iongadh gu leor air. Dh’ fhosgail e ’shùilean, ach thug an sealladh a chunnaic e air an dunadh ’sa mhionaid, a smaointean gun robh e air saoghal nan spioradan. Bha na chunnaic e neònach gu leor, le neach nach robh eolach air. Fhuair e e-fhéin, ma ta, air a cheangal gu teann, cruaidh, lamh ’us chas, agus air a chuartachadh le mu thri fichead Innseanach. Bha i nis dorcha, agus bha teine mugach, as an leumadh lasair dhearg an dràsda ’sa rithist, ’sa mheadhain. Cha robh ioghnadh ged a ghabhadh Aonghas iad ann an riochd spioradan dorcha, le ’n gluasad fhàillidh, gun straighlich, gun fhuaim, ’s lasraichean an teine ’dearrsadh ’n dràsda ’sa rithist air an aodainn thoitidh, dhorcha, a bha ’g amharc cho stolda, ’s gun saoileadh duine nach tainig fiamh gàire riamh air gnùis aon dhe na bh’ ann. Bha iad gun chòmhdach còir sam bith—a chuid bu mhotha cha robh iad a giùlan do dh’ éideadh ach pios béin mu ’meadhain, agus am falt fada, peallach, dubh, nach fhaca cìr riamh, sios mu ’n guaillibh—cuid dhiubh air an dath leis a h-uile seòrsa chì sinn ’sa bhogha-frois. Bha na wigwams (campaichean) aca nan sreath ri taobh aimhne, ach bho ’n a bha i gu math blàth san àm, cha robh iad a cur moran feum orra. Bha ’n treubh bheag a bha ’n so, riamh ann an àite car iomallach, le eagal threubhan cumhachdach a bha mu dheas is an ear orra. Bha iad mar sin gun eòlas fhaighinn fhathast air plangaidean, na armaibh á Hudson’s Bay, na idir air duine geal. An uair a chunnaic iad gun robh Aonghas air a shùilean fhosgladh, thainig pàirt dhiubh na bu dlùithe dha, am measg chàich bha da sheann chaillich phreasaich, air an robh coltas a bhith gu math guineach dha. Bha ’m beòil a dol gu math luath, ’s cha b’ ann ga mholadh, a réir a h-uile coltais; oir ged nach ’eil e ro laghach a ràdh no innse, bha ’n da sheann sgua so cho coingeis air na breaban ri da loth ’sa chéitein, agus ’s e Aonghas a dh’ fhairich sin, oir bha deagh chothrom ac’ air. Ach cha robh iad so fada na dhàil, an uair a thainig nighean òg, dha’ n d’ thug e ’n aire roimhe sin ag amharc le truas air, agus mhaoidh i air na cailleachan, a toirt orra falbh, agus fhàgail ann an sìth car greis. ’S iomadh òigh a chunnaic Aonghas na dhùthaich fhéin bu mhi-thlachdmhoire ri ’m faicinn na ’n nighean Innseanach so. Fhuair e ’mach a rithist gu ’m b’i aon nighean a chinn-feadhna, agus gu ’m b’ ainm dhi Driùchd-a-Chéitein. Ann an ùine ghoirid chual’ Aonghas monmhor am measg a luchd-gleidhidh, ’s iad a sealltainn mar gum biodh iad a cluinntinn cuideiginn a tighinn ris an robh dùil aca. Sgap iad o chéile, ’s chunnaic e le solus an teine, seann Innseanach mor air leth-shùil, le ceum aigeannach a deanamh dìreach air. (Ri leantuinn.) Litir bho Alasdair Mathanach. Cuan Atlantic, Lat. 50° 59’ N; Long. 19° W, 1825 mile a mach á Halifax; 975 mile gu Lunnainn. THAINIG e ’m inntinn beagan fhacal a chur gu MAC-TALLA, ach tha litreachadh na Gàilig ga m’ fhàgail car coltach ris a bhalachan a theann ri gabhail ùrnuigh. Lean e air aghart ag aithris na h-aibidil, a, b, c, &c, caochladh uairean. Chuala cuideiginn e ’s e air a ghlùinean, a thuirt i ris, “Dé tha thu deanamh mar sin?” Fhreagair am balach, “Tha mi ag aithris nan litrichean, a chionn ’s nach aithne dhomh briathran freagarrach; ach tha làn dòchas agam an uair a ruigeas iad shuas gu ’n cuirear ri chéile anns na briathran ceart iad!” Mar sin, a charaid, cuir thusa ceart a h-uile facal a chì thu cearr anns an litir so. ’S e mo bheachd gu feum thu sin a dheanamh ris a chuid is mo dhiubh. Tha sinn seachdain a mach á Halifacs agus anns a bhad a ta air ainmeachadh aig toiseach na litreach so. Ma thig thu air chuairt an rathad [TD 10] [Vol. 10. No. 2. p. 2] so feuch gu ’n gabh thu beachd air. Tha gleanntan ’us beanntan fior mhinic ann, ach tha iad uile gu léir gle luasganach. Far am bi ’n gleann air a mhionaid so, bidh meall maith de chnoc air an ath mhionaid, agus mar sin bidh iad a dol am measg a chéile air a leithid a dhòigh ’s nach ’eil e furasda comharradh a shuidheachadh, a dh’ innseadh dhut gu robh sinn anns a bhad so, nan tachradh dhut sgriob a ghabhail a nall. Fhuair sinn sìde fhàbharach gu ruige so, agus tha aobhar againn a bhi moladh Dhé air a shon. Ged is e so mo cheud thurus cuan cha d’ thàinig mi-fhéin agus tinneas-na mara gu bhi cur eòlas air a chéile fhathast, agus cha mhò na sin tha iarrtas agam oirre. Tha an soitheach (S. S. Evangeline) anabarrach saor bho luasgadh. Gheibh neach moran na ’s mò do chrathadh ann an aon de na carbaid a tha Donnachadh còir a tarruing air cùl an eich-iaruinn na gheibh thu air an luing so. Air an turus air an deach i mach mu dheireadh thug i leatha luchd de “Lyddite” agus de rudan mireagach eile de ’n t-seorsa sin, a dh’ ionnsuidh nan saighdearan gu Halifacs, agus air an turus so tha i toirt dhachaidh an t-seann fhudair a bha aca an sin roimhe so, ach a réir coltais nach ’eil iasgaidh gu leor air son feum an latha an diugh. Tha mu thimchioll leth-cheud seòladair bho na longaibh cogaidh an Halifacs a tilleadh dhachaidh—cuid aca tinn, agus cuid eile a thaobh an uine ac’ a bhith air ruith a mach. Tha mu thimchioll deich air fhichead luchd-siubhail air bòrd, eadar fhear, mhnathan agus clann. Am measg chàich tha Dr. Friseal, a tha air ceann Sgoil nan Dall ann an Halifacs, agus a bhean. Tha an doctair an dùil moran de sgoilean nan dall ann am Breatunn fhaicinn (?) mu ’n till e air ais. Tha ’n doctair còir dall e-féin a reir an leth a mach, ach tha fiosrachadh anabarrach aige na inntinn, agus tha e gabhail mion-bheachd air gach ni a tha tachairt mu ’n cuairt. Tha ’bhanachompanach chòir na fior shùilean da. Feumaidh mi innseadh dhut nach d’ rinn mi atharrachadh sam bith air m’ uaireadair o’n dh’ fhàg mi ’n taigh. Innsidh mi dhut c’arson. Tha fhios agad fhéin glé mhath nuair a tha e meadhain là am Breatunn, nach ’eil e ach mu ’n cuairt air ochd uairean ’sa mhaduinn an Ceap Breatunn. Leis an uaireadair fhàgail mar bha i, bidh mi comasach air beachd a ghabhail glé fhaisg air a mhionaid mu na gnothuichean air an robh mi eolach a bhios a dol air adhart ann an Sidni. Saoilidh mi gu ’n cluinn mi clag St. Andrew’s aig na h-amannan àbhaisteach. Bidh mi comhladh ruibh anns an spiorad aig àm na searmoin, nan coinneamhan ùrnuigh agus an sgoil Shàbaid. Bheir so comas dhomhsa agus dhuibhse a bhi aig an dearbh mhionaid aig Cathair nan Gràs a’ tagradh air son a chéile. Gu dearbh tha aobhar agamsa a bhi cuimhneach air St. Andrew’s. ’S iomadh là sona a chuir mi seachad mu timchioll bho m’ òige gus a so. Ach cha do chuir mi romham searmoin a thoirt dhut. Ni Mr. Foirbes agus Mr. Simpson sin dhut. Gu robh mor shoirbheachadh aca le chéile ann an saothair. Tha e aig an àm car annasach dhomhsa a bhi fad seachdain gun “mail” fhaicinn, agus gach cuis anns a bheil airgiod, an àite dollairean agus sentaichean tha againn na £. s. d. air an robh sinn eòlach o chionn da fhichead bliadhna air ais. Cha mhor nach ’eil mi saoilsinn leis na nithean sin gu bheil mi am bhalach aois choig bliadhn’ deug a rithist. Cha do thachair ni neo-àbhaisteach sam bith oirnn air ar turus gu ruige so. Tha sinn a dlùthachadh air a chearn a deas do Eirinn. Tha eòin ris an abair iad “Irish Pilots” a tigh’n mu ’n cuairt do ’n luing.’S dòcha gum faic sinn Eirinn am màireach. Chunnaic sinn muc-mhara an drasda ’sa rithist. Bha sinn ceithir no coig a làithean gun luing fhaicinn, ni a ta taisbeanadh cho mhor ’sa ta an cuan agus cho beag ’sa ta obair an duine an coimeas ri obair a Chruithfhear. Cha ’n ’eil fhios agam nach ’eil thu seachd seann sgìth de m’ rabhtaireachd, agus mar sin sguiridh mi. Ma dh’ fhaodte gun cluinn thu bhuam á Lunnainn no as a Ghaidhealtachd. Ach aig an àm slàn leat, ’s leis na càirdean gràdhach a dh’ fhàg mi as mo dhéigh. An là chì ’s nach fhaic. Do charaid, ALASDAIR MATHANACH. Iun 13, 1901. Tha clag na dinnearach a bualadh 1 p. m.—9.25 a. m. aig an taigh. Tha sinn 24 uair na ’s fhaide an ear na bha sinn air ainmeachadh aig toiseach na litreach. A. M. “Cha Lion Beannachd Bru.” CIOD e teagasg ar n-Aithrichean, cha ’n ann “mu ’n t-seirbhis a tha mhàin ann am biadhaibh agus ann an deochaibh,” ach mu Bhiadh agus mu Dheoch? Their sinn gu tric ’n ar latha fein gu bheil ar coimhearsnaich na Goill agus gu sonruichte na Sasunnaich a’ cur barrachd luach air biadh na tha sinne. Ni sinn uaill as ar measarrachd fein anns an rathad so; agus ni sinn amharc sios gu tric air na Goill airson an deigh air biadh blasda ’s air moran dheth. Cha ’n ’eil sinn cho mi-mhodhail, no, ma dh’ fhaodte, cho toibheumach ’us gu ’n abair sinn gu bheil iadsan a’ deanamh ”dia d’ am brù”; ach, ann an coimeas ruinn féin, their sinn gun teagamh gur iad is mò a tha ’n an tràillean d’ am broinn. Ach nach tilgear oirnne gu minic ma tha sinn measarra ’n ar biadh nach ’eil ’n ar deoch? Nach abrar ma tha na Goill gionach, gu bheil na Gaidheil pàiteach? Ma chuireas sinne geòcaireachd as leth ar coimhearsnaich, nach cuirear pòitearachd as ar leth fein? Cha ’n fheoraich sinn an traths’ co-dhiu tha no nach ’eil e fior gur geòcaich na Goill; no co is mo tha ’g òl de dheoch mhisgich ’n ar latha-ne, an Gall no an Gaidheal; ach feudar sealltainn le buannachd air an fhianuis a gheibhear ’n ar cànain agus ’n ar litreachas air a’ mheas a bha ar n-Aithrichean a’ cur air Biadh ’s air Deoch; agus air na dleasdanais ’s na cleachduinean a dh’ eirich ’n am measg an co-lorg nan nithean so. ’N ar latha-ne tha e gun teagamh fior—agus is duilich gu bheil e cho fior—gu ’n nochd ar Sluagh an cairdeas ’s an deagh-rùn d’a cheile, an uair a choinnicheas iad, gu minic le deoch agus gu h-ainmig le biadh. Tachair air do luchd eolais o’n dachaidh no mu ’n tigh-òsd’ aig baile. Gabhaidh iad ’us bheir iad seachad deoch am pailteas; ach is tàmailt leo biadh a phaigheadh ar an son, ged ma dh’ fhaodte nach do bhlais iad greim fad cheithir-uaire-fichead. ’S e so cleachduin ar Sluaigh ann an Albainn ’n ar latha fein. Ge b’e ar beachd mu ’n fhaireachduin o’n d’ eirich a’chleachduin—tha mi fein a meas gur ann o fhaireachduin ionmholta dh’ eirich i—cha ’n ’eil aon ’n ar measg nach aidich gu ’n gleidheadh ar luchd-dùthcha ’n ar latha-ne a suas an cliu fein agus cliu an Sluaigh na b’ àirde na ’n itheadh iad barrachd air an turuis agus na ’n òladh iad na bu lugha. Cho fad ’s is leir dhuinn cha robh a’ chuis mar so o shean. Anns an fhianuis a tha againn air beachdan ar n-Aithrichean, saoilidh mi gu ’m faighear dearbhadh nach aich’ear gu ’n robh na seann daoine a’ cur barrachd meas air Biadh, agus na bu lugha meas air Deoch, na tha sinne. O chionn beagan bhliadhaichean rinneadh barrachd rannsachaidh air a’ Ghàidhlig na rinneadh riamh. Aideachar a nis air gach laimh, a’ bhuidheachas sin do shaothair nan coigreach, gu bheil a’ chànain aosda, agus gu ’m faighear ’n a fuaim, ’n a focail, ’us ’n a cumadh na feartan a bhuineas a mhàin do phriomh chànain a labhair daoine treun—eadhon neart, maise, agus cumhachd. Cha dearbhar aon chuid gu ’m b’i cànain Adhaimh, no gur i “cànain is fearr fo ’n ghréin,” mar bhiodh cuid d’ ar Bàird Ghaidhealach, o’n earbamaid barrachd tuigse, a’ cumail a mach; ach cha ’n innis eachdraidh c’ uine no c’ àite an d’ rugadh i, agus airson a maise ’s a neart, cha ’n e ’n ceannach a rinn i. Tha rathad eile ann ’s am feudar ar cànain a’ rannsach’ le buannachd—rathad nach ’eil ro chomasach do choigrich—agus ’s e sin fior-bhrìgh ar focail, ar coimeasan, ar samhlaidhean ’s ar doigh-labhairt, agus an solus a tha gach aon diu so a’ tilgeadh air smuaintean, beachdan, ’us cleachduinean ar Sluaigh. Na ’m biodh gach focal Gaidhlig a tha ’n an ceud-bhrìgh co-cheangailte ri Biadh ’s ri Deoch air an tarruing a mach air aon chlàr, gheibhteadh, saoilidh mi, dearbhadh nach gann air a’ mheas bha aig ar n-Aithrichean gu sonruichte air Biadh. Tha e comharraichte nach ’eil focail Ghaidhlig againn airson trathan bìdh (Breakfast, Dinner, Supper,) ged tha ar focail airson bìdh féin ro lionmhor—lòn, aran, cuirm, cuilm, fleagh, féisd, féill, &c. Nach soilleir agus nach brighmhor am focal “beoshlainte” airson nan nithean a tha feumail a chum beatha a chumail suas a chur an ceill? Their na Goill “lorg na beatha” ri aran, agus their iad gu math; ach their sinne “slàinte na beatha” (beo-shlainte) ris, agus tha mi meas gu ’n abair sinn na ’s fearr. Ach tha sinn a’ deanamh a’ cheangail eadar beatha agus biadh na ’s dluithe na so; oir ’s e “beathachadh” mar is trice a their sinn ri “biadhadh.” Saoilidh mi gur anns na h-eileanan, far am biodh fiughair ri comhnadh o’n mhuir, a dh’ eirich an t-ainm iongantach sin airson lòin, “teachd-an-tir”; co-dhiu cha bhiodh a leithid de ainm ro fhreagarrach ann an tìr phailt, thoraich. Thugadh fainear uair ’us uair ar bàigh ri dath buidhe—’s e falt buidhe is maisiche; ’s e latha buidhe is briagha—o’n fhacal thug sinn “buidheach,” agus “buidheachas,” ’s e sin taing, agus gu h-araid taing as deigh bidh, mar gu ’m feumteadh a bhi “buidheach,” sasuichte, mu ’n rachadh “buidheachas” a thoirt seachad. Fhuair mi o chionn beagan làithean o charaid Altachadh agus Buidheachas nam Ban air an Airidh mar so: Altachadh—“A Dhia nan gràsan beannaich e”; Buidheachas—“A bhuidhe ri Dia mo chuid, fair mo chuigeal.” Cha choir dhuinn, tha mi smuaineachadh, eas-urram a chur á leth nam mnathan còire, ged fhuair iad roimh ’n dleasdanas so na bu luaithe na tha e cleachdta ’n ar measg-ne. Thug na Goill am focal “perfect” o na Romanaich airson ni tha air a dheanamh gu maith ’s gu ro mhaith. Their sinne “iomlan”—air a “lionadh” iomadh uair—ris an ni cheudna. Ri ball a tha reir a cheile their sinn gu bheil e “coimhlionta.” De fhocail de ’n t-seorsa so tha moran againn; agus tha mi de ’n bheachd gur airidh iad air an rannsachadh. Gabh mar eisempleir na seadhan anns na chleachd sinn gu tric na focail a leanas agus na ficheadan a thuilleadh orra:—“bolg, goile, sathach, reamhar, tarbhach, daor, ainfhiach, balach, cuireadh.” Gheibhear moran d’ ar samhlaidhean cumanta—a thuilleadh air an doigh shamhlachail anns a’ bheil sinn a’ cleachdadh ar focail—a tha tarruing am brìgh o bhiadh ’s o dheoch—A lion beagan ’us beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan; Cho eolach ’s a tha ’n ladar air a’ phoit; Liunn dubh air mo chridhe; Geiread an liunn chaoil; Deoch [TD 11] [Vol. 10. No. 2. p. 3] an doruis; Beul an anmoich;—agus moran eile a bheir a’ chuimhne fein fa chomhair inntinn gach neach. Cha ’n ’eil mi meas gu ’m faighear ann an canain eile co liugha sean-fhocal, a réir an àireimh, a tha tarruing an cumadh ’s an dreach o itheadh ’s o òl, ’us a gheibhear anns a’ Ghaidhlig. Le beagan dragh chunnt mi cuig fichead ann an cruinneachadh Mhic-an-Tòisich, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach faighear moran ann air nach d’ amais mi. Tha iad so a’ teagasg caochladh bheachdan ’us dhleasdanais mu bhiadh, mu dheoch, ’us mu iomadh ni eile; ach is ann o bhiadh ’s o dheoch a tha an samhladh air a tharruing. Tha ni no dha comharraichte mu na Sean-fhocail so a tha tur dhealaichte o’n bheachd chumanta mu ’r Sluagh. A dh’ aon ni cha ’n ’eil os cionn deich no dusan de ’n chuig fichead mu dheoch; agus cha ’n ’eil an deoch airson a’ bheil ar Tìr ’s ar Sluagh a nis cho iomraiteach—uisge-beatha—air a h-ainmeachadh idir. Tha liunn ’us fion air an ainmeachadh ach cha ’n ’eil deoch ach sin. A réir coslais cha robh na seana Ghaidheil cho eolach air sugh an eorna air a ruith roimh na poitean-dubha ’s a dh’ fhas an sliochd, no co-dhiu cha robh de mheas aca air ’s gur e uisge-beatha a theireadh iad ris. Agus cha ’n fhaigh mi dearbhadh gu ’n robh meas air misgear am measg nan seann daoine. Theirear “Is fearr a’ mhisg na bhi gun leth-sgeul”—ach a ris theirear na ’s fiirinniche, “Is dona ’n leth-sgeul a’ mhisg.” A ris theirear, “Misg gun liunn is measa tha ann”—’s e sin, “Is fearr bhi air mhisg na air a chuthach.” Cha saoil mi gur moladh air deoch-laidir an claidheamh dà fhaobhair so, “Cha d’ rinn uisge glan riamh liunn maith”; agus cha b’ urrainn nàmhaid na dibhe misg a chàineadh na bu sheirbhe na so:—“Tagh do cho-luadar mu ’n tagh thu d’ òl”; “Is coma leam comunn an òil”; “An uair a bhitheas an deoch a stigh, bithidh an ciall a mach.” “’S e ’n suidh docharach ’s an tigh-òsd is fearr.” Is ann air toradh an spreidh a bha ar n-Aithrichean anns a chuid bu mho tighinn beò. Cha ’n ’eil moran de ’n fhearann freagarrach airson barra ann an coimeas ris na tha math gu ionaltradh. Mu ’n d’ fhas caoraich cho lionmhor ’s a tha iad a nis, b’ e toradh a’ chruidh dhuibh, maille ri sithinn ’s ri seilg air Tir-mòr, ’s ri iasg anns na h-Eileanan, a bha deanamh suas lòin an t-Sluaigh. Cha robh min no aran ach gann. Gheibhear làn dearbhadh air so anns na Sean-fhocail. Mu choinneamh aoin anns a’ bheil iomradh air aran na air min, tha ceithir co-dhiu d’ an samhladh ìm ’us bainne. Ge b’e air bith an teagasg ’s e ìm ’us bainne mar is trice an cainnt: “Am fear aig am bi ìm, gheibh e ìm”; “Cha ’n fhaodar a’ bhó reic, ’s a bainne òl”; “B’e ìm a chuir do thigh àiridh e”; “Cha dean corag mhilis ìm”—agus mar sin sios. Air an doigh cheudna gheibhear iasg gu tric air ainmeachadh. Chuala sinn uile an radh: “Breac na linne, slat na coille, ’s fiadh nam fireach—meirle nach do ghabh duine riamh nàire as”; agus a ris: “Gaoth an iar, iasg ’us bainne.” Anns na h-Eileanan cluinnear gu tric iad so, am measg morain eile: “Ithidh na cait fuigheall nan caolan”; “Mionach ar n-eisg aig ar n-eunaibh fein”; “An gad air an robh an t-iasg”; “Iasgach amadain—corra bheathach mor”; “Is lom an cladach air an cunntar na faochagan.” Tha teagasg nan Sean-fhocal a tha buntainn ri biadh ’s ri itheadh, mar a bhiodh fiughair ris o’n àireamh, eug-samhuil. Gheibhear beachdan ’us comhairlean a tha calg-dhireach an aghaidh a cheile air an toirt air an aghaidh. Ach do aon bheachd tha na Sean-fhocail a tha f’ ar comhair an traths’, agus feudar a radh na Sean-fhocail Ghaidhealach thar cheann an comhnuidh dileas; agus ’s e sin am meas air pailteas, agus an dimeas air gainne na bochdainn. Cha ’n ’eil mi smaoineachadh gu ’m biodh e comasach dearbhadh cho laidir agus cho druighteach fhaotainn air bochdainn na tìre, agus air na cruaidh-chàsan a b’ eigin d’ ar n-Aithrichean gu minic fhulang a solar lòin d’ an teaghlaichean, ’s a gheibhear anns a’ chainnt a chleachdar anns na Sean-fhocail agus ’n ar Bardachd mu phailteas agus mu ghainne lòin. Cha ’n ’eil teagamh agam fein nach ann o’n bhochdainn so, maille ri gairbhead na tìre ’s cion rathaidean mòra, a dh’ eirich ann an tomhas mor a’ bhuaidh airson an robh, ’s a bheil, ’s a tha mi ’n dòchas a bhitheas, sinn cliuteach am measg nan Sluagh—’s e sin ar fialachd ri coigrich. Tha sinn teom air a bhi caoidh na tìm a bh’ ann o shean, agus ann an tomhas tha aobhar againn nach ’eil aig moran Shluagh; ach tha eubh a ’teachd o chein air bilibh nan Sean-fhocal a dhearbhas dhuinn gu ’n robh camadh nach bu bheag an crannchur ar n-Aithrichean. Cha robh duine saoibhir riamh gun dilibich; Cha robh caraid riamh aig duine bochd; Cha tig duine acrach fada uaithe; Is olc an ni bhi falamh; Fear falamh ’s e gun ni, suidhidh e fada shios o chàch; Is buidhe le bochd ean-bhrigh ged nach bi i ro bhruich: Is bochd an ainnis lomanach; Is iomadh cron a bhitheas air duine bochd; Is farasta fuine dheanamh le min; Meallaidh am biadh am fitheach o’n chraoibh; Is fada lamh an fheumaich; Cha ’n fhaigh an gortach cnaimh. Ann an dlu-cheangal ris an rian so, tha an luach a bha na seann daoine a’ cur air beagan; am moladh a dheanadh iad air cruinnealachd; ’s an càineadh air sgapadh gun aobhar; Is fearr fuine thana na bhi uile falamh; Thig an t-acras dà uair; Is call caillich a poca, ’s gun tuilleadh bhi aice; Cha reic e chearc ’s an latha fhliuch; An toiseach an t-saic a tha ’n riaghailt; Bhiodh sonas aig an stroghaire ’n am faigheadh e mar a sgapadh e; Is ’usa sgapadh na tional. Cha ’n ’eil teagamh agam nach e gainne lòin ’s an tir a thug dhuinn an Sean-fhocal so: Is fearr fuigheall na braide na fuigheall na sgeige. Agus is ann an uair a ghleidheas sinn air chuimhne fein-fhiosrachadh ar n-Aithrichean air gainne, a dh’ fhairicheas sinn fior chumhachd agus fior mhaise nan Sean-fhocal a leanas: Is fearr a bhi bochd na bhi breugach; Is fearr peighinn an fhortain na ’n rosad ’us cuig ceud; Is ann an uair is gainne am biadh is coir a roinn. Cha ’n ’eil mi meas gur ann do bhrigh ’s gu bheil an geocaire a’ caitheadh barrachd bidh na dh’ fhoghnas dha, a chàinear e cho mor, ged a chreideas mi gu ’m feud e bhith gu ’m b’e so cuid de ’n aobhar. Tha mi de ’n bharail gu ’n robh ar n-Aithrichean a’ meas geocaireachd ’us pòitearachd ’n an nithean nàrach, maslach; ach cha ’eil teagamh nach amhairceadh iad na b’ fhaide ’n deigh na chuireadh an glàmair ’s am misgear a’ dholuidh de bhiadh ’s de dheoch na dh’ amhairceas sinne. A dh’ aon ni cha tugteadh fathamas do aon de ’n phaidhir. Cha tuig an sàthach an seang—is mairg a bhitheadh ’n a thràill d’a bhroinn; Cnuasachd uircein buain ’us itheadh; Cha dean cas làidir nach ith brù mhor; Cha robh brù mhor ’n a seis mhaith’ do neach eile; Tilg mir am beul na beist. An aghaidh an ditidh so cha ’n fhaigh mi ach aon radh a ghabhas leth-sgeul a gheocaire: Is tric a bha sonas air beul mor. (Ri leantuinn.) Tha dlùth glic ann, agus inneach gòrach. Tagh do bhean mar bu mhath leat do chlann. Teodhaidh feòil ri fine, ged nach deòin le duine. Facal do’n Oigridh. O MO chreach ’s mo leir! is muladach da rireadh an sgeul a thug Bodachan a’ Ghàraidh dhuinn, (Facal do na gillean òga), agus cha ’n e ’chuid is fhearr dheth gur e ’n fhìrinn ghlan a th’ ann. Is mi tha ’g aontachadh leis, oir is mis’ a bha thall ’s a chunnaic e. Ach ruigeamaid bun a’ ghnothuich ma ’s urrainn duinn idir, idir. Is fhad o’n a b’ aithne dhomhsa mar an ceudna gun robh, cha ’n e mhàin na gillean a dh’ fhàg an taigh—agus is math trath thig miann togail orra—ach na caileagan, a’ deanamh dichuimhn’ air am pàrantan, cleachdaidhean agus eadhon cainnt an dùthcha. Is math ’s is ro mhath a chuir am Bodachan e, agus ged dh’ fhaodas cuid a radh gum bheil na sgriobh e car sgaiteach tha feum mor, mor air. Tha ’n galar domhan, agus feumaidh am fear-leigheas a dhol domhan chum ruigheachd air. Ach seallamaid beagan air ais a chum ruigheachd air bun a’ ghnothuich mar thubhairt sinn, agus sin airson fàth an uilc. Ciod mu dheimhinn na pàrantan, ciod air na maighstirean ’s na bana-mhaighstirean sgoil, ciod air na ministearan? Cha ’n fhaod e ’bhith nach ’eil iadsan ann am mor thomhas—no uile gu leir—freagarrach. Dé an eisempleir, dé na rabhaidhean, dé an seòladh thug iad sin d’ an oigridh nuair agus o’n bha iad nam pàisdean? Theid an gille no ’n caileag a mach do ’n taobh deas cho aineolach air cuilbheartan an t-saoghail ri cuilean coin, an cridheachan ’s an tograidhean cho ùrar, glan ri rol paipeir-sgriobhaidh. Tha fios gle mhath dé thachras; druidhidh a cheud chleachdadh no gnathachadh a thig nan rathad orra, agus, ge duilich ri ràdh leam e, is e ’n cleachdadh olc, no faoin co dhiù, is tric a gheibhear a’ dol. Is e na chì na big a ni na big, agus is ann beag glé bheag tha ’n Gàidheal no ’m bana-Ghàidheal òg am measg ciollachairean agus cleachdaidhean baile mor sam bith. Is e cheud rud, a réir mo bharailsa co dhiu, ar dichioll a dheanamh air ar luchd-dùthcha a sheòladh, agus oidhirp a dheanamh air an cumail bho bhi ’dol air seacharan an deigh tighinn aineolach, neo-chiontach do ’n bhaile; ach buinidh do na pàrantan’s eile mar thubhairt sinn ’s a cheud dol a mach, an clann uidheamachadh airson buairidhean lionmhor a’ bhaile, no eadhon an dùthaich fhein, oir cha ’n ’eil a h-aon saor asd. Is ann orm a bha mhulad ’s mi air sgriob ’thoirt do ’n àite ’s an d’ fhuair mi m’ àrach, dùthaich mo ghaoil, ach anns nach ’eil a nis dachaidh agam, ’nuair chunnaic mi na cleachdaidhean grannda Gallda bha gan sàthadh fein a stigh air mo luchd-dùthcha. Cha ’n fhoghnadh ach deiseachan dearrsach de dh’ aodach ghroda Gallda, ’s an clò b’ àbhaist ’bhi ga chaitheamh san àite gun fhighe, agus sin a chionn an olainn a bhi ga reic a mach air a’ Ghalldachd ’s an Sasuinn riusan a b’ urrainn a meas. Cha ’n fhòghnadh ach aran ’us min chruineachd, le ti, an ait’ aran ’us min choirce, no eòrna anns am bheil sùgh ’us brigh tha, air a char is lugha, da fhichead uair na ’s mo. Tha bhuil ann; seall air aodainn luchd-òil na ti, agus tha an sgeul air innse. Comas inntinn agus cuirp, neart ’us meud an dà chuid a dol an lughad o bhliadhna gu bliadhna, seadh o là gu là. A’ mhathair a dh’ òlas an ti an àite bainne, dé seorsa sgoinn bhios ’s a phàisde? Agus a rithist cia nàrach an gnothuch an clann a bhi strith ri cainnt eilthireach nan dùthaich ’s nam measg fhein co dhiu. “Ciamar tha thu ’Mhairearad?” arsa mise ri té thainig dhachaidh o muinntireas ’s an taobh deas. “O, cha ’n ’eil mi but middlin’,” ’s e fhreagair i. Cha d’ thubhairt mi ’n corr (Air a leantuinn air taobh 14). [TD 12] [Vol. 10. No. 2. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IULAIDH 12, 1901. Fhuair sinn o ar caraid, Gilleasbuig Mac-Phàil, an Orangedale, aon àireamh de leabhran Gàilig a bha air a chur a mach ann an Antigonish ’sa bhliadhna 1851. Is e b’ ainm dha “An Cuairtear Og Gaelach.” B’e so an ceathramh àireamh dheth, bha e air a chur am mach am mios deireannach an earraich, agus bi a’ phris 7½ sgillean, no mar theirte an cumantas, “seachd us bonn-a-sia.” Tha fichead taobh-duilleig ann, ’s iad loma làn de leughadh—eachdraidh, sgeulachdan, comhraidhean, agus bàrdachd a tha fior thaitneach. Bha an “Cuairtear Og” air a chur a mach le Iain Boyd. Ma tha aon sam bith a leughas so comasach air tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhuinn mu ’n leabhran so bhitheamaid gle thoilichte fhaotainn. Tha sgoil-àiridh gu cuairt a chur air sgireachdan tuathanachas Cheap Breatunn air a t-samhradh so. Toisichidh an sgoil ann an Richmond, agus an deigh taghal anns na h-àiteachan a’s deiseile air feadh na siorrachd, thig i do shiorrachd Cheap Breatunn, agus an deigh sin do Victoria ’s do Inbhirnis. Bidh an sgoil air a teagasg le Miss Laura Ròs, a bha riomhe so a’ teagasg ann an Sgoil Thuathanachais Ontario, agus bidh i air a cuideachadh le Uilleam Dughlach, à Truro. Bu chòir gu’n deanadh an sgiol so feum mor air feadh na dùthcha ann a bhi teagasg do na tuathanaich an dòigh a’s fhearr air bainne ’s uachdar a laimhseachadh air son an tomhas a’s motha ’s an seòrsa ’s fhear de dh’ ìm ’s de chaise thoirt as. Tha gibht Andra Charnegie do oilthighean na h-Alba air a ghabhail. Bidh an da mhillean punnd Sasunnach air a chuir a mach air riabh, agus ’se an riabh a mhàin na bhios air uisneachadh. Bidh darra leth an reibh air a thoirt seachad mar chuideachadh do fhòghlumaichean, agus an leth eile air a chur gu feum a neartachadh ’sa cumail suas nan oil-thaighean. Cha ’n eil teagamh nach bi feum mor air a dheanamh do ’n dùthaich an lorg na gibhte ao. Bha àireamh de na h-uaislean nach robh air son a gabhail idir, ach bha a’ mhor chuid de’n t-sluagh gle dheonach a gabhail, oir ’s ann do’n t-sluagh chumanta nach eil comasach air an fhoglum bu mhiann leotha thoirt d’an cloinn, a bhios an cuideachadh so feumail. Bha Alba riamh fad air thoiseach air Sasunn ’s air Eirinn ’s air iomadh dùthaich eile ann an toirt foghluim do’n t-sluagh bhochd, agus a nise le fialuidheachd aoin d’a mic féin theid i fad air thoiseach orra. Faodaidh iomadh òganach tapaidh an deigh so dreuchd agus inbhe thoirt a mach, a bha roimhe so air an cumail uaithe a chionn gu robh e bochd agus nach b’ urrainn dha feuchainn ri ’n cosnadh. Ceisdean. Tha e air aithris le daoine firinneach gu ’m facas an solus ùr, air a cheathramh latha de ’n ghealaich so, mu dheich uairean ’s a mhaduinn,—a’ ghrian ’s a ghealach ’g am faicinn ’s an aon àm, iad le chéile, gun teagamh, ’s an aird-an-ear. Am facas a’ leithid so riamh roimhe ’an Ceap Breatunn? No am bheil e na ni iongantach fhaicinn an dùthaich sam bith? Aon sam bith de leughadairean MHIC-TALLA a thilgeas solus ùr no sean air a chuis so, cuiridh e comain air iomadh aon, ach gu sònraichte air OIGEAR AINEOLACH. Am bi sibh cho math ’s gu ’n innis sibh dhomh ciod a Bheurla cheart a tha air an ainm Mor? Tha cuid ag innse dhomh gur e Sarah, agus cuid eile gur e Marion no Marian. Bidh mi fada ’nur comain ma dh’ innseas sibh dhomh co a tha ceart, no am bheil iad le cheile ceart? FREAGAIRT. Is e Sarah an aon ainm Beurla a tha co-fhreagairt do ’n ainm Ghàilig Mor. Tha ainm Gàilig eile ann a tha a’ co-fhreagairt do ’n ainm Marion; ’s e sin Muireall, ainm nach eil ri fhaotainn ach gle ainneamh am measg bhana-Ghàidheal an latha ’n diugh. Cha ’n eil buntainn sam bith aig an da ainm Marion agus Sarah dha cheile. An uair a bheir Dia dhuinn sith agus soirbheachadh, tha e mar fhiachan oirnn gach ni ’nar comas a’ dheanamh a chum sith agus soirbheachadh a thoirt do ar co-braithrean anns an t-saoghal. Tha e ’na aobhar broin do mhoran dhaoine a bhith faicinn cho feineil ’s a tha ’n aireamh a’s mo do shluagh ar duthchadh. Ma bhios sith is soirbheachadh aca fhein tha iad cearta coma cia mar a thachras do dhaoine eile. Cha b’ e so an spiorad leis an robh na daoine o’n d’ thainig iad air an gluasad an uair a dh’ fhuiling moran dhiubh am bas a chum gu’m biodh saorsa aimsireil agus spioradail aig sluagh na rioghachd so. Chaochail fear Barnaidh Morris ann am Brooklyn, N. Y., air an t-seachdain s’a chaidh, a bha ceud us naodh bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an Eirinn ’sa bhliadhna 1782. Bha e cho slàn ’s cho tapaidh ’sa bha e leth cheud bliadhna roimhe so gus mu choig latha mu’n do chaochail e. Thoisich e an sin air cur uidhreachd air an teas, agus lean e air fàs na bu laige na h-uile latha gus ’n do chaochail e. Cha robh duine anns a’ bhaile air am b’ eolaiche an sluagh, agus bidh moran dhiubh ’ga ionndrain. LUACH ANABARRACH Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR,—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,870.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 13] [Vol 10. No. 2. p. 5] Naigheachdan. Chaidh an tigh aig Padruig Guthro, ann an Leitche’s Creek, a losgadh gu làr an la roimhe. Bha e-fhéin air falbh aig an àm, agus chaidh an teine fhadadh leis a’ chloinn ’s iad a cleasachd le maidsichean. Cha deachaidh ni dhe na bha anns an tigh, aodach no airneis, a shàbhaladh. Tha cuid de na rathaidean-iaruinn anns na Staidean an iar an deidh sgur de losgadh guail. Tha iad a’ losgadh olla ’na àite, agus tha iad a’ faotainn sin moran na ’s saoire. Cha chosg na loisgeas iad ach mu leth uiread ’sa bha an gual a cosg dhaibh. Ni sin caomhnadh mor dhaibh, agus aig an àm cheudna, bidh e ’na aobhar air pris a ghuail isleachadh. Bha teas neo-chumanta air an t-seachdain s’a chaidh anns na cearnan sin de Chanada ’s de na Staidean a tha fhada on chuan. Bha daoine ’s mnathan air am bualadh leis a ghrein ann an caochladh àiteachan, agus bha iomadh beatha air a call. Tha aon bheannachd aig muinntir nan duthchannan a tha laidhe mach ’sa chuan a tha iad gu tric a leigeil as an cuimhne; ged bhios an t-side air uaireannan cho fuar ’s nach bi moran toileachaidh aig daoine, ’s ann uair ainneamh a bhios i cho teth ’s gu’m bi beatha dhaoine air an cur an cunnart. Cha bhi fios ceart gu ceann da mhios air àireamh sluaigh Chanada. Tha moran obrach ann a bhi cruinneachadh nan cunntasan a bha air an deanamh anns gach cearna dhe’n dùthaich agus ’gan cur ri chéile air dhòigh ’s gu ’m bi gach fiosrachadh a thatar ag iarraidh furasd’ fhaotainn. Cluinnear sgeul o àm gu àm mu’n àireamh sluaigh a th’ ann an caochladh bhailtean us shiorrachdan us roinnean, ach tha luchd-aithris nan sgeul sin a labhairt air thuaimse, agus cha’n eil barrachd fiosrachaidh aca mu ’n chùis’sa tha aig muinntir eile. Chaidh Henry Patton a mharbhadh aig an obair iaruinn Di-sathairne s’a chaidh. Bha e na bhrakesman air trein a bha giulan guail dh’ ionnsuidh nan Coke Ovens, agus nuair a bha i dol troimh ’n togalach anns am bheil an gual air a thogail dh’ ionnsuidh nan àmhunn, bha e ’na sheasamh tuilleadh us àrd agus bhuail a cheann ann am maide, ’s bha e air a thilgeadh fo na cuidhlichean far an deachaidh a ghrad mharbhadh. Cha robh coire ri chur air neach sam bith eile; chaidh e air ais ’s air adhart troimh ’n cheart àite iomadh uair fad an latha. Bhuineadh e do Abhainn Philip, an siorrachd Chumberland, agus dh’ fhàg e bean us sianar chloinne ann an Louisburg. Tha na birlinnean a tha dol a chur réis air an fhoghar so aig New York an dràsd a cur réisean ris na birlinnean a bh’anns an réis mu dheireadh. Tha an “Shamrock II” taobh thall a chuain a cur réisean ris an t-“Shamrock I”, agus air an taobh so tha an Constitution a’ cur réisean us a’ Cholumbia. Tha iad le cheile dearbhadh gu bheil iad air toiseach air na seann bhirlinnean, agus mar sin tha dùil aig daoine ri deagh réis air an turus so a rithist. Bu mhath le moran a bharrachd air na Breatunnaich fhéin gu ’n giùlaineadh an t-Seamrag II an duais thar a’ chuain; tha e air an taobh so o chionn aireamh mhor bhliadhnaichean, agus mur teid e mull a dh’ aithghearr cha ’n eil fhios nach sguir na Breatunnaich a dh’ fheuchainn ri chosnadh gu buileach. Bha pic-nic aig Conservatives Nobha Scotia ann a Halifacs air a cheud latha dhe ’n mhios so. Bha Mr Borden, ceannard ùr na pairtidh, a lathair, agus liubhair e òraid. Bha bangaid aca air an oidhche ann am fear de na taighean òsda. Tha a’ phàirtidh a’ deanamh deiseil air son an taghaidh a dh’ fheumas a bhi ann mu ’n ruith bliadhna. Chaidh dithis ghillean beaga le fear Tomas Doucette a bhàthadh aig Tusket Forks, an siorrachd Yarmouth, Di-luain s’a chaidh. Chaidh iad do ’n abhainn a shnàmh, agus chaidh am fear a b’ òige dhiubh tuilleadh us fada mach. Dh’ fheuch a bhràthair ri a chuideachadh gu tir, ach ’s ann a chaidh am bàthadh le chéile. Cha robh am fear bu shine ach aona bliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear a b’ òige ochd bliadhna. Chaidh gille beag le fear Iacob Wyman, aois choig bliadhna, a losgadh gu bàs faisg air Yarmouth maduinn an là roimhe. Ruith e mach as an tigh ’na ghùn-oidhche, agus thoisich e ri lasadh mhaidsichean air an d’ fhuair e greim. Ghabh a chuid aodaich, agus ged a rinneadh na ghabhadh deanamh air son an teine chur as, chaidh an gille bochd a losgadh gu dona, agus chaochail e ann an cràdh mor mu ’n d’ thainig am feasgar. Tha e air innse gu bheil cuideachd a’ ghuail a dol a dh’ ath-fhosgladh seann mheinn Victoria. Bidh so ’na dheagh naigheachd dhaibhsan a bha ’g obair mu ’n mhèinn sin, oir bha moran dhiubh aig an robh an dachaidhean féin, agus a chaill gu mor nuair chaidh a dùnadh. Tha gual Victoria air ghual bog cho math ’sa tha ri fhaotainn, agus tha e na’s soirbhe reic na gual aon sam bith eile de mheinnean na dùthcha so. ’Se b’ aobhar do’n chuideachd a dùnadh gu robh i doirbh a h-obrachadh agus nach robh i mar sin a pàigheadh cho math ris na mèinnean eile. Tha Mr Chamberlain a’ gealltuinn do’n phàrlamaid Bhreatunnaich bill a thoirt a stigh an ùine ghoirid leis am bi tiodal an righ air a h-atharrachadh, gus am bi i a’ gabhail a stigh Chanada, Australia agus cearnan eile de’n t-saoghal a tha fo’n chrùn Bhreatunnach. Aig an àm so, cha’n eil an tiodal a’ thoirt iomraidh air cearna sam bith dhe’n impireachd a mach as na h-eileanan Breatunnach fhéin ach na h-Innsean a mhàin. Nuair a theid righ Iomhar a chrùnadh air an ath shamhradh, bidh a thiodal ag ainmeachadh gu bheil e riaghladh thairis air na dùthchannan eile chaidh ainmeachadh. Bidh sin g’ar toirt ceum eile air adhart gu aonadh na h-impireachd. Thug an ceannard Breatunnach ann an Africa mu Dheas o chionn ghoirid cead do ’n t-seanalair Botha fios diomhair a chur gu Crugar, agus fios diomhair fhaotainn uaithe. An deigh sin a dheanamh, thug Botha a mach air ball gu’m b’e òrdugh Chrugair an cogadh a chumail air adhart. Tha easan gu socair, seasgair anns an Olaint, far nach ruig luaidhe ’s fùdar nam Breatunnach e, agus cha’n eil co-fhaireachdain sam bith aige ris na daoine bochda dh’ fhàg e ’na dheigh, ’sa tha ’cur moran earbhsa ann-san. Leanadh iadsan air cogadh fhad ’sa bhios duine dhiubh beò no gun ghlacadh, agus bidh esan gu sòghail far am bheil e gus am faic e ciod a dh’ éireas dhaibh. Ma bha moran chàirdean aig Crugar riomhe so am measg dhaoine cearta, mi-fhéineil an t-saoghail, cha’n urrainn nach eil an àireamh a dol na’s lugha. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228 Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 14] [Vol. 10. No. 2. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 11). rithe-se. Chunnaic mi triùir ghillean aig an am sin, agus cha b’ e ’n deoch bu choireach ris na smalan bh’ air an gruaidhean, fàth mo mhulaid, cha ’n abair mi’n còrr. B’ fheàrr dh’ an duthaich nach do thill iad riamh. Nis is e cheisd ’de ni sinn, agus sin a dh’ aindeoin co their, “Ciod e do ghnothach-sa ruinne?” Feumar na Gàidheil a dhusgadh o’n chlo chadail agus suain anns am bheil iad a tuiteam. Cha cluinn sinn ach “Ciamar a ni sinn airgiod, airgiod, airgiod?” Cha’n e ciamar chumas sinn sinn fein glan, ciamar’ chumas sinn suas cliù ar dùthcha, ciamar chuidicheas sinn le ar pàrantan: o cha ’n e. Leanamaid cleachdaidhean gallda, fasana gallda ’s iad cho breagha. Breagha ach grod, is e tha mis’ ag ìnnseadh dhiubh, freagraidh iad ann an tomhas do na gaill ach cha fhreagair do na Gàidheil ma tha ’d déidheil air bhi nan daoine treun, glan, calma agus onarach ’s nan caileagan ’s nam mnathan glan, fallainn agus eireachdail. Leanaibh mata ri cainnt ’us cleachdaidhean ar duthcha, cha ’n ’eil na ’s fheàrr—no eadhon cho math—ri fhaotainn an aite sam bith eile. Cuiribh ’ur neart ’s ’ur spionnadh a mach air ’ur son fein, aig an tigh ma’s urrainn duibh idir, ach cuimhnich so “Cha sheas poca falamh.” CARAID. Da Sgeul Bheag mu Bhan-righ Victoria. ’Nuair a bha Victoria ’na h-ighinn bhig, chaidh i aon uair a chur seachad latha comhla ri aon de na mnathan-uaisle a bha ’n dluth chairdeas dhi. Cha robh fhios aig a mhnaoi-uasail sin ciod a dheanadh i gus cridhealas a chumail ri ’banacharaid oig; agus ’s ann a thuirt i rithe: “A Victoria, faodaidh tu gach ni a thogras tu fhein a dheanamh an diugh. Iarr ni sam bith air an smaoinich thu, agus gheibh thu e, ma ghabhas e idir.” Smaoinich a’ chaileag beagan uine, agus an sin thuirt i, “’S minig a bu mhiann leam a bhi nighe uinneagan, agus ma ’se ur toil-se e, nighidh mi na h-uinnegan agaibh.” Cha deach a bhean-uasal an cois a facail; fhuaireadh uisge, bucaid, siabunn, agus breidean, agus chaidh ise a bha n’ ceann beagan bhliadhnaichean gu bhi na ban-righ’nn air Breatunn, a dh’ obair i gu dichiollach gus ’n do chuir i crioch air na h-uinneagan uile. Nach minig a bhios a mhuinntir sin ris am bheil farmad againne a’ gabhail farmad ruinne! Dh’ fhaoite gu bheil sinne miannachadh shochairean agus sholasan a bhiodh iad-san gle dheonach iomlaid ruinn air son nan solasan air ’n do chuir sinne deuchainn agus a bhitheamaid gle dheonach a thoirt seachad. Aig am araidh, bha a Bhan-Righ an caisteal Bhalmoral, sa Ghaidhealtachd; chaidh i aon latha mach leatha fhein gu dhol air cheilidh am measg nan taighean a b’ fhaisg’ oirre. Air dhi a dhol a stigh do thigh a bh’ ann an sin fhuair i ann seann duine liath air an leabaidh, ’s gun duine aige ach e-fhein. “Gu de so?” ars’ ise, “nach eil duin’ agad idir a dh’fhuiricheas comhla riut?” “Cha’n eil,” ars an seann duine, “tha mo mhuinntir uile air falbh a choimhead na Ban Righ’nn; bha iad a’ smaoineachadh docha gu ’m faiceadh iad sealladh dhi.” Shuidh a’ Bhan-Righ ri ’thaobh treis a dh’ uine, a bruidhinn ris, agus a’ leughadh dha. Air dhi a bhi ’ga fhagail shin i not choig puinnd dha, agus thuirt i ris, “Nuair a thig do theaghlach dhachaidh abair riutha, nuair a chaidh iad-san a choimhead na Ban-Righ’nn gu ’n d’ thainig a Bhan-Righ ’a choimhead ortsa.” Is ann le caoimhneasan beaga dhe’n t-seorsa so a fhuair Ban-Righ Victoria aite’ cho blath ann an cridheachan an t-sluaigh. Bha i riamh cuimhneach air na bochdan, agus ’se ’s docha gu robh iad-san ’ga faicinn na bu trice na bha urrachan mora na rioghachd. Ann an laithean a h-oige bha na croitearan agus na daoine bochda timchioll air a caisteal anns a Ghaidhealtachd gle eolach oirre. Creag nam Ban. Mu thimchioll dà cheud bliadhna roimh so, bha iomadh druidh agus bana-bhuidseach olc a tighinn beò ann an Albainn. Ach ’s éigin aideachadh mar an ceudna gu’n deachaidh buidseachd chur as leth iomadh seann duine agus cailleach chòir nach do chuir làmh innte riamh. Agus bu bhorb, neo-thruacanta gu deimhin na dòighean air an do chuir an sluagh feargach as daibh an uair a dhiteadh gu bàs iad. Chaidh cuid diubh chrochadh cuid eile bhathadh, ach b’ abhaist do ’n t-sluagh a bha còmhnaidh am bruaichean Mhàrr gach bana-bhuidseach mhi-shealbhar a thuit ’n an làimh a losgadh air mullach cnuic àird air a’ bheil “Creag nam ban” mar ainm gus an latha diugh. Mu ’n àm a dh’ ainmich mi, bha seana chailleach bhochd a gabhail còmhnaidh aig bràigh Gleann Laoigh bhig, agus i fo amharus leis na coimhearsnaich. Là de na laithean, chunnacas i a bruich luibhean neo-chumanta ann an coire mòr air chùl a bhothain bhig anns an robh i a fuireachd. Bha i a dol deiseil mu ’n cuairt de’n choire, a tilgeil nan luibhean ann, agus a seinn ubagan le guth iosal, tuchanach. Air ball ghlacadh i agus thugadh i a dh’ ionnsaidh Mac Fhearchair Mòr an Caisteal Inbhir-eigh, agus, mar b’ abhaist anns na laithibh fuileacha sin, chaidh a diteadh gu bàs. Chuir iad a steach do ’n phriosan i agus ghlais iad an dorus gu diongalta. Ach air an ath mhaduinn, an uair a dh’ fhòsgail iad an dorus, fhuair iad gu’n d’ thug an t-seana-chailleach an car asda, oir ’s ann a bha i air seachnadh anns an oidhche. Agus bu mhòr a’ chorruich air Mac Fhearchair mòr an uair a chual’ e gu ’n do thàr i as. Beagan laithean an deigh so, chaidh seann duine àraidh dhiteadh REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A.W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. [TD 15] [Vol. 10. No. 2. p. 7] gu bàs airson a’ chionta cheudna. Ach an uair a thugadh a mach a’ bhinn, ’s ann a thuit e sios air a ghlùnaibh roimh Mhac Fhearchair, agus dh’ iarr e maitheanas air, agus e toirt geallaidh ’s an àm cheudna gu ’n glacadh agus gu ’n tugadh e air ais a’ bhana-bhuidseach mu’n tigeadh am màireach, nan leigeadh Mac Fhearchair fa sgaoil e. A nise thug Mac Fhearchair cluas do ’n t-seana-bhodach, oir bha làn fhios aige agus aig na h-uile daoine gu ’n robh naimhdeas searbh eadar an t-seann-duine ’s a’ chailleach, air aobhar éigin air nach b’ eòlach càch, agus dh’ aithnich e a bharrachd nach robh am bodach cho fuathach leis an t-sluaigh ’s a bha cailleach Ghleann-laoigh bhig. Agus mar so, air do ’n bhodach toirt bòidean air a’ Bhiobull gu ’n glacadh e a’ chailleach mu ’n eireadh a’ ghrian a rithisd, ’s ann a chuir Mac Fhearchair fa-sgaoil e. Gun dail, thug e Gleann-laoigh bheag air, agus an uair a theann e dluth air bothan na bhana-bhuidsich, de chunnaic e astar beag air falbh, aig oir na coille ach earb àluinn. Shaoil e gu ’n robh coltas an-shocrach air an earb egus bha e ceart, oir, an uair a thainig e ni b’ fhaisge oirre, ’s ann a theann i ri falbh. An sin dh’ aithnich e nach robh anns an earb àluinn ach a’ bhana-bhuidseach olc fein. Air ball chruth atharraich se e fhein ri mial-chu, agus chlisg e air a tòir le luathas na gaoithe. Gle luath ràinig an earb bràigh a’ ghlinne agus an sin thog i oirre thun a mhonaidh, agus am mial-chu gu teth air a tòir; ach, direach mar a bha esan a dol a dheanamh greim oirre, ghrad ghabh i riochd maighich agus bhual i air aghart mar an dealanach. Gun dail bha an druidh as a deigh an riochd abhaig agus ràinig iad gu luath mullach na beinne. An sin chaidh iad ’nan deann le bruathach gu Gleann Laoigh. Aig iochdar a’ ghlinne so bha rathad còmhnard agus ruith iad air an rathad so, agus cha mhòr nach d’ rug an druidh oirre an sin, ach, chlisge, chaidh am maigheach as an t-sealladh am priobadh na sùla, agus ’s an àm cheudna ruith luch bheag a steach do chòs cumhann eadar dha chreig mhòir aig taobh an rathaid. Air ball ghabh an druidh riochd nis bhàin, chaidh e a steach do ’n chòs agus thug e a mach an luch. Cha luaithe a thainig iad a mach na ghabh iad an cruth nàdurra le cheile, agus an druidh a cumail greim teann air a bhana-bhuidsich; agus b’ ann air an dòigh so a ràinig iad caisteal Inbhir-eigh am beul an anamoich. Thug an druidh suas a’ chailleach do Mhac Fhearchair, agus, mar a ghealladh dha, fhuair e a shaorsa fhein, ach air an là maireach chaidh an t-seana-chailleach olc, thruagh losgadh air mullach Chreag nam ban. Agus ma ’s fior an sgeul so, is e mo bharail-sa nach bu mhisde muinntir Mhàrr a bàs idir. W. H. An Diol-deirce. LE DONULL MAC-CALLUM. Am feadh a bha Captain T. glé shuarach na ’sùilean, mar a bha mi ’g innseadh dhuit, bha gaol mòr aig Lady Myshrym air “The MacDodo.” Na’m biodh sin na comas phòsadh i’s an uair e. A nis, a’ charaid, mur robh thu riamh gu tinn ’s a’ ghaol, saolaidh tu gu’n tug a bhantrach mhòr a cheart diolachd do “Henry V.” ’s a thug i do’n Chaptain, ach ma bha bithidh fios agad air na’s fearr. Mur robh thu ’s an sgoil aig “Cupid” cha ’n ’eil thu comasach air breith a thoirt air a chùis, agus feumaidh tu gabhail ris mar théid innseadh dhuit. Ach, codhiu, fhuair “the MacDodo” ’mach mar thachair ri Captain Goblets agus, deanadh mòr aoibhneis na anam nach robh e’m feum a pòsadh, g’a cumail o’n Chaptain, chuir e roimhe gu’n seachnadh e i cho fad ’s a b’ urrainn e. Ni mi suas an còr de’n earrann so le bhi ’g innseadh dhuit mar fhuair e ’mach sin. ’Nuair a bha “Henry V.” na “Harry B. Scrubber” bha e ’cuir ri theachd an tìr le bhi cluich air na bòrdaibh, mar chual thu roimhe so. Lean a chleachdainn ris ’n uair a fhuair e bhi na “Mhac Dodo.” “Am fear a bhith’s carach ’s a’ bhaile so bith’ e carach ’s a bhail ud thall.” Rinn se e féin suas mar dhìol-déirce bodhar, balbh, a dol o thigh gu tigh, a dh’ fheuchainn am faigheadh e ’mach cò a mharbh “Sir Roger.” Mar sin bha e’n talla nan seirbhiseach, an tigh “Lady Myshrym,” air an fheasgair air an robh an Captain a coinneachadh ri “The fairy of the sleeping Hollow.” Chual e “Jenkins” ag innseadh do na seirbhiseich eile h-uile lide de’n chòmhradh bha eadar Captain T. agus an Lady. Cha robh “Jenkins” a fàgail taobh muigh an doruis eadar na h-uairean a bha’n clag a’ bualadh. Bha e ’cluinntinn an clag a bualadh ’s an talla agus bha e ’feitheadh gu’n dol a stigh gus am biodh an ùine ’suas a bu chòir dha ’bhi gabhail g’a fhreagairt. Mar sin bha’n eachdradh gu h-iomlan aige. “I know the secret,” deir té de na searbhantan, “of her Ladyship’s casting overboard such a fine gentleman as Captain Goblets. She is in love with that ugly beggar ‘Scare-crow Scrubber,’ who was unfortunately raised from serving in the slums to reign in the castle. I wish her Ladyship saw this caricature of her lover (a ciallachadh an dìol-déirce balbh bodhar). Isn’t he awfully like him? He may be a natural son of his. I heard he was an awful rake when he lived in the slums. Jenkins, you might tell her Ladyship that an anonymous gentleman in the hall wishes to see her.” “No no,” deir an dìol-déirce balbh bodhar, “I hate ladies,” agus a mach ghabhar e. Mu ’n robh ùin’ aca sealltuinn thuca no uapa cha robh lorg air. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Sidni, C. B. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr Amy Mhoraidh. FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH. (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E, 14th St., New York. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI., - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI., - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS: Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI., - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 16] [Vol. 10. No. 2. p. 8] Oran nan Suiridheach. LE ROB DONN. Fhearamh og leis am miannach pòsadh, Nach ’eil na sgeoil so ’g ur fàgail trom? Tha chuid a’s diomhair’ tha cur an lin dibh, Cha ’n ’eil an trian diubh a’ ruigheachd fuinn. Tha chuid a’s faighreachail’ air an oighreachd-s’, O ’m bheil am prise a’ dol air chall, Mar choirean làidir, cur maill’ air pàirtidh, Tha barail chàirdean, a’s gràdh gun bhonn. Tha fear a’ suiridh an diugh air inighean, Gun bharail iomraill nach dean e tùrn; Bha i uair, ’s bu chumha buairidh, A ghuth d’a cluais, a’s a dhreach d’a sùil. An sean ghaol cinnteach bha aig ar sinnsir’, Nach d’ fhuair cead imeachd air feadh na dùthch’, Nach glan a dhearbh i, gu ’n deach a mharbhadh, ’N uair ni i bargan, ’nuair thig fear ùr. ’S iomadh caochladh thig air an t-saoghal, ’S cha chan an fhirinn nach ’eil e crosd’, Na h-uile maighdean a ni mar rinn i, Tha fois a h-inntinn an cunnart feasd. An duine treubhach, mur’ell e spréidheach, A dh’ aindeoin eud, tha e féin ’g a chosg. ’S le comhairl’ ghòraich a h-athair dhòlum, ’G a deanamh deonach le toic, ’s le trosg. O’n tha ’n gaol ac’ air fàs mar Fhaoilleach, Na bitheadh stri agaibh ri bhi pòsd’, A seasmhachd inntinn cha ’n ’eil thu cinnteach, Ré fad na h-aon oidhch’ gu teachd an lò; An té a phàirticheas riut a càirdeas, Ged tha i ’g ràdh sud le cainnt a beòil, Fo cheann seachdain, thig caochladh fleasgaich, ’S cha’n fhaigh thu facal dh’i ré do bheò. Ach ’s mor an nàire bhi ’g an sàrachadh, Oir tha pàirt dhiubh de ’n inntinn stòlt’, Mach o phàrantan agus chàirdean, Bhi milleadh ghràidh sin tha fàs gu h-òg; Mur toir i aicheadh do ’n fhear a’s fear leath’, Ged robh sud craiteach dh’i fad a beò, Ni h-athair feargach, a beatha searbh dh’i, ’S gur fearr leis marbh i, na ’faicinn pòsd’. Faodaidh reuson a bhi, gu tréigeadh An fhir a’s beusaich’ a theid ’n a triall; Ged tha e càirdeach, mur ’eil e pàgach, Ud! millidh pràcas na th’ air a mhiann; Tha ’n duine suairce, le barrachd stuamachd, A’ call a bhuannachd ri té gun chiall; ’S fear eile ’g éiridh, gun stic ach léine, ’S e cosnadh géill dh’i mu’n stad e srian. Mur ’eil stuamachd a’ cosnadh gruagaich, Och! ciod a’ bhuaidh air am beil a geall? Nach mor an neònachas fear an dòchais so, Gun bhi cnòdach ni ’s modha bonn; Fear eile sineadh le mire ’s taosnadh, Le comunn faoilteach, no aigneadh trom, ’S ge math na tri sin gu cosnadh aontachd, Cha ’n ’eil a h-aon diubh nach ’eil a’ call. Ma tha e pàgach, ma tha e sgàthach, Ma tha e nàrach, ma tha e mear; Ma tha e sanntach, ma tha e greannar, Ma tha e cainnteach, a’s e gun chron; Ma tha bòidheach, ma tha e seòlta, Ma tha e còmhnard, ma tha e glan; Ma tha e diomhain, ma tha e gniomhach, Ud, ud! cha ’n fhiach e le a h-aon diubh sin! Ma tha e pàgach, tha e gun nàire, ’S ma tha e sgathach, cha bheag a’ chrois; Ma tha e gaolach, tha e ’n a chaora; ’S ma tha e faoilteach, tha e ’n a throsg; Ma tha e gniomhach, their cuid, “Cha ’n fhiach e, Tha ’m fear ud miodhair, ’s e sud a chron”; ’S ma tha e failligeach ann an aiteachadh, “Cha bi barr aig’, is bi’dh e bochd.” Co an t-aon fhear air feadh an t-saoghal, A tha nis cinnteach gu ’n dean e tùrn; ’S nach ’eil a h-aon de na tha mi ’g innseadh, Nach ’eil ’n a dhiteadh dha air a chùl. An duine meanmnach, ’s e toimhseil, ainmeil, Cha chluinn thu ’ainm ach mar fhear gun diù; ’S nach fhaic thu féin, air son iomadh reusoin, Gu ’n deach’ an spréidh os ceann céille, ’s cliù. Tha fear fòs ann, a dh’ aindeoin dòchais, A dh’ fhaodas pòsadh gun mhòran char; Na ’m biodh de chiall aig’ na dh’ aithnich riamh, Gu do dh’ éirich grian anns an àirde ’n ear; Dean ’n a dhuairc e, a rugadh ’n cuaran, Thoir baile ’s buar dha, a’s treabhair gheal; Leig labhairt uair dha, ri athair gruagaich, ’S bheir mi mo chluas dhut mar faigh e bean. Am Ministeir ’s am Baillidh. LE DONNACHADH MAC-DHUNLEIBHE. Am Ministeir ’s am Bàillidh, Am Bàillidh ’s am Ministeir; Ged ’s truagh rinn orm am Bàillidh, ’S e shàraich mi am Ministeir Di-ciadain rinn sinn gluasad, Bha ghaoth bho ’n tuath mar shireadhmaid; Thachair Bean Rob Ruaidh * oirnn, ’S gu’n d’ thug i ’Chluaidh a thiota sinn. ’Dol seachad sraid Iamaica, Cha chluinnt’ ach Beurla sin aca; Bha buidealan ga ’n teumadh, ’S chuir sinn r’a cheile sgillinnean. ’Dol seachad air an Trongate, Bha fun ac’ oirnn nach ruitheamaid; Gach fear a’s muc air ròp aige, Gu ’m b’ olc an drobh ri ’n iomain iad. ’N uair thomhais mi Di-luain i, Cha robh mo dhuais ach meadhonach; Cha b’ urrainn i bhi buadhar, Cha d’ fhuair mi ach aon ghini oirre. Illean, bithibh sunndach, ’S na biodh curam idir oirbh; Ge d’ chaill sinn air a’ bhuidseir, Tha cùinneadh ’s na h-igheanan. ’N uair chaidh sinn do ’n tigh-òsda, ’S a thoisich ol nan siolachan, Bha Eoghan toileach còrdadh, ’S gun phòsadh a bhi idir ann. Thuirt Donnachadh “Bidh sinn clear ’s iad, ’S ’n an lionain cha riobar sinn; Gum b’ fhearr leam nighean cìobair, Ged cheannaichinn fhin na riobainean.” ’Dol seachad Cill-a-chiaran, ’S e h-aon ’s a’ chiad a ruitheadh e; ’S ge d’ gheibhinns’ a bhi ’m Iarla, Cha ’n iarrainn dol a rithist ann. Ma bheir mi pòg do nionaig, ’S gu ’n innsear sud do ’n Mhinisteir, Gu ’m feum mi urras làidir, Gu bràth nach dean mi rithist e. ’N uair chaidh mi stigh do ’n t-searmoin, Chuir iad an àird air spiris mi, ’S gur mise fhuair mo léireadh, Le teanga gheur a’ Mhinisteir. Tha ’n righ a’ tighinn do ’n dùthaich, ’S mo dhùrachds’ gu ’n tigeadh e, ’S an ceann a thoirt de ’n Bhàillidh, ’S am bàs a thoirt do ’n Mhinisteir. Tha gill’ òg aois choig bliadhn’ deug do ’n ainm Alasdair Mac Aonghais a comhnuidh air an Amhuinn Mheadhonaich, a tha sia troighean us seachd oirlich a dh’ àirde, agus a thoimhiseas da cheud agus ochd punnd. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up show-cards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bho o dith,- lar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 17] [Vol. 10. No. 3. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 19, 1901. No. 3. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. IX. MAR a dh’ ainmich sinn, bha Aonghas air a cheangal gu teann, cruaidh, ’s gun chomas aige air moran gluasaid sam bith a dheanamh. Mar sin cha robh na chomas beachd còir sam bith a ghabhail air an Innseanach mhòr, chrasgach a thainig a nis na làthair. Ach chunnaic e gun robh coltas air a bhi an iomadh casgradh fuilteach. A bhàrr air an t-sùil a bhith ga dhìth, bha cluas dheth air an aon taobh, agus iomadh clais is ailt lotan na aodann, a fhuair e mar chuimhneachan ’s na tìmeannan a thriall. Bha do dh’ itean na cheann na dheanadh cluasag, air chor ’s gun robh e ag amharc duaichnidh gu leor, ged a bhiodh a ghrian a b’ àilleadh a dearrsadh air. B’e so ceann-feadhna na treubh, athair Driùchd-a-chéitein, agus b’ ainm dha an Clamhan Buidhe. Thug a chulaidh-eagail so fainear Aonghas a ghleidheadh an oidhche ud, o’n bha e-fhéin sgìth le thurus a frith na fiadh. Faodaidh sinn a thuigsinn nach d’ rinn Aonghas moran cadail; agus gle thràth ’s a mhaduinn chaidh e-fhéin’s a chuid armaibh a thoirt air beulthaobh na culaidh-eagail a dh’ ainmich sinn, a bha na shuidhe air cathair a bhreitheanais (seice féidh), cnaimh mor aige ga chreim, ’sa chomhairlichean ma chuairt air. An àm dhaibh a bhi le ioghnadh a laimhseachadh nan arm, dh’ fhalbh an urchair as a ghunna. Sin far an robh ’n iolach ’sa leum, ’s cuid a thuit an duil gun robh iad marbh. Ach gu fortanach cha deach a mharbhadh ach cu. An ceann ùine ghabh iad misneach, an uair a chunnaic iad gun robh iad uile beò, ’s nach robh an t-slat iongantach a rinn an fhuaim a mharbh an cu ag radh diog tuilleadh. Chaidh iarraidh air na laoich a ghlac Aonghas tighinn an làthair na comhairle, agus dh’ innis iad ciamar, ’us c’àite, agus c’uin a ghlac iad e. Bha seachdnar dhiubh ann cho fiadhaich coltas, gu h-àraidh am fear a bh’ air an ceann, ’sa shiubhail coille riamh. Bha am fear so na fhuamhaire mor, sgaoilte, anns an robh mu shia troidhean’us coig òirlich a dh’ àirde, agus reamhar, trom air a réir. Bha coltas gu math moiteil, spaideil air an fhear mhor so, dha ’m b’ ainm am Mathan Mogach. Bha luchd-leanmhuinn aige fhéin, agus bho nach robh mac aig a Chlamhan Bhuidhe b’e ’n daimheach so a b’ oighre air a sheann chrùn itean, an uair a thigeadh air fhéin a dhol do phàras-na-seilg. Dh’ innis am fear so ann an òraid ghaothar mar a ghlac e-fhéin ’sa ghillean Aonghas. Thachair gun robh e-fhéin ’sa ghillean a sealg an uair a chunnaic iad e. Lean iad e àireamh mhìltean gu math dlùth ri shàil, agus cho sàmhach ri faileas, gus an d’fhuair iad cothrom math air aig an tom phreas. “Agus a nis,” ars’ am Mathan Mogach ’sa chriochnachadh, “buinidh an duine geal dhomhsa, agus ’s ann agam tha còir air a chuid a’s fhearr do ’n spors. Tha ’chraobh air a taghadh, ’s an connadh air a chruinneachadh mu ’bonn, ’s nochdaidh mi mo neart dhuibh,” ars’ esan, ’sa lamhan an ceannaibh a leis, ’s e ag amharc an taobh an robh Driùchd-a-chéitein, oir bha dùil aige rithe, ged nach deach an t-suiridhe leis ro mhath uige so, “leis an coigreach so a thogail leam le m’ leth-laimh mar choinnean, thun nan craoibhe; oir cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ann a sgaoileadh gorta agus tinneas a bha e tighinn nar measg le ’chuid uidheaman draoidheachd.” An uair a labhair am fear mor mogach so, thug e ’n aghaidh air Aonghas, a dol, ma b’ fhior, a chur so an gniomh. Chual’ Aonghas na thuirt e, ged nach do thuig e guth, gus an d’ fhuair e mach a rithist e, ach thuig e co-dhiu nach b’ ann an càirdeas a bha e bruidhinn na idir a tighinn a nis. Thug e aon ionnsuidh chruaidh eile air na h-iallan a bhristeadh, agus ged a bha e air a cheangal cho cruaidh ’sa bha Samson aig na Philistich, chaidh leis an drasd, agus le aon spreadhadh bha e air a chois. An ath mhionaid bha an t-Innseanach mor ’sa dhruim ri talamh, ’s gun fhios aige co-dhiu ’s e tairneanach na dealanach a bhual an clar an aodainn e. Cha b’e h-aon dhiubh, ach dorn chruaidh Ghaidhealach Aonghais. Sin far an robh ghaireachdaich aig na bha ma chuairt, ach gle bheag, oir cha robh meas mor sam bith aig a chuid bu mhotha air a Mhathan, ’s os cionn gach gaire bha gaire binn Driùchd-a-chéitein. Dh’ eirich e nis, san caothach buileach glan air, ’s thainig e ruaig gu Aonghas. Bha ’m fear sin gu stolda ga fheitheamh, ged a bha an inntinn aige bruailleanach gu leor, ’s fhios aige gun robh so air son a bheatha. An uair a bha am Mathan Mogach gus a bhi aige, thug e leum a thaobh, ’s bhual e ’n t-Innseanach ’sa lethcheann san dol seachad, ’s chuir sin air a bheul ’s air a shròin e ri talamh a rithist, los gum bheil làrach aodainn ri fhaicinn thun an latha ’n diugh, nan rachadh aig neach air amas air an àite. Bha nis gach fear ’us bean, sean ’us òg, air cruinneachadh ma chuairt air na laoich, agus bha e gu math soilleir ri fhaicinn gun robh iad air meas mor a ghabhail air an duine gheal, agus nach robh e mi-chordadh riutha idir mar a bha cùisean a tionndadh a mach. Dh’ eirich an t-Innseanach mor a rithist, ’s e nis a faicinn gun robh mhaighstir air tachairt ris. Chuir e roimhe gum biodh e na b’ fhaicliche, ma bha duil aige an t-àit’ a chaill e ann an sùilean a chàirdean a bhuanachd. Thàinig e nis air a shocair gus an robh e gu bhith aig Aonghas. Thug e leum uige, ’s rug e na ghairdeanan mora air. Bha e nis a smaointean gun robh gach glòir gu bhi aige co-dhiù. Ged a bha an Gàidheal trom, foghainteach, bha ’n duine buidhe air thoiseach air an cudthrom ’s am meudachd, los gun saoileadh neach nach biodh saoghal fada aig Aonghas. Thoisich an ùpraid a nis da rireadh. Cha robh Aonghas ach ga gheard fhéin an toiseach, gus am biodh an t-Innseanach air a chlaoidh. Bha e nis air a h-uile car a bh’ aige fheuchainn gun fheum sam bith ach e-fhéin a chlaoidh. Smaointich Aonghas a nis gun robh ’n t-àm crìoch a chur air an t-sabaid. Bha ’n treubh mu ’n cuairt orra fad na h-ùine ’s gun iad ach gann a tarrainn an analach—am beoil fosgailte, ’s am meoirean sgaoilte, agus am bodhaigean a cromadh ’s a dìreadh a reir ’s mar a bha ’n dithis a bha gleachd. Ach dh’ fhosgail an sùilean ’s am beòil na bu mhotha, nan gabhadh sin a bhith, an uair a chunnaic iad Aonghas a breith na b’ ìsle air a ghaisgeach aca, ’s a chunnaic iad e ga thogail o’n talamh ’s ga chaitheamh thar a ghuailleadh, mar gun caitheadh gunna-mor e, ’s a tuiteam na thorr mor, dubh aig an casan gun chomas éirigh. An uair a bha ’m blar seachad, thainig an ceann-feadhna air adhart ’s sheas e air beulthaobh Aonghais, ’s coltas gu math faoilidh air, ’s thug e air suidhe air a chathair bhian aige fhéin. Thug e òrdugh a chuid a b’ fhearr dhe ’n t-sealg a chur air doigh dha, agus fhad ’sa bhiodh sin a tachairt, rinn e fhéin òraid a bha car mar a leanas:— “Mo ghaisgich threun, agus mo chlann éisdaibh rium, ’ur ceann-feadhna dligheach, a chaill a shùil g’ ar dion, agus a chailleadh an té eile gu toileach airson an aobhair cheudna ’s onair na treubh. An dé thugadh duine cumhachdach nar measg, nach ’eil coltach ruinne an dath na an trusgan. Chunnaic sibh e breth air a bhòsdair mhor, am Mathan Mogach, ugh! ’s ga chaitheamh thairis air a cheann, mar shaighead o’n bhogha, ’s a tuiteam mar chriplach mar a thoill e. Ugh! ugh! ’S fhad o’n a bha fios agam nach robh ann ach craobh ghrod, ged a bha e mor, ’s a bhristeadh leis a cheud chrathadh, mar a chunnaic sibh. Ugh! Tha sibh a faicinn nach ’eil e airidh a bhi na cheann-feadhna air an treubh, ’s nach deanadh e ach ar nàrachadh ’s a bhith nar n-aobhar magaidh aig bhur naimhdean. Mar sin, tha mise leagte gun gabh sinn an gaisgeach treun so a stigh san treubh, ’s gu ’m bi e na oighre orm fhìn an uair a dh’ fhàgas mi sibh, agus ionnan rium fhad ’s as beò mi. Tha da rud aige, mar a sheall e dhuinn, as an dig dealanaich agus tairneanaich, a ni sgrios agus marbhadh a h-uile uair a chuireas e ri’ shùil iad. (Nach bochd nach robh mo sheann nàmhaid, an Fheannag Mhor, aig beul fir dhiubh, ’s mo shùil fhìn aig a cheann eile, ’s gun deanadh e casad dearg na aodann, a chuireadh a bhreabadh an làir e mar a bha ’n cù). Mar an ceudna tha mi deonach mo nighean, Driùchd-a-chéitein, an òigh a’s bòidhche ’s an treubh, a thoirt dha mar mhnaoi. Labhair mi.” Dh’ aontaich iad uile leis, ach fior bheagan, ’s cha robh aon air an robh coltas a bhi cho toilichte ris an nighinn, Driùchd-a-chéitein. Ged a bha fios aig Aonghas gur ann uime fhéin a bhatar a bruidhinn, cha do thuig e guth ’s an àm dheth na chaidh a radh, ach thuig e gun robh e air àrdachadh ionnan ris a Chlamhan Bhuidhe fhéin gu bhi na righ orra, agus gun robh bean deiseil dha uair sam bith a chuireadh e cuireadh oirre. ’S ann a bha eagal air Aonghas bochd gun tigeadh i gun chuireadh idir. An uair a thuig Aonghas so, thug e taing dhaibh uile ann an Gàilig air son a cheud chuid, ach leig e fhaicinn dhaibh, am muigh ’s a mach, nach robh bean bhuaithe idir san àm. Thug e dhaibh ri thuigsinn cho math ’sa rachadh aige air, gun do dh’ fhàg e caileag òg na dhùthaich fhéin dha ’n tug e gealladh, ’s gun robh i cheart cho àluinn ri Driùchd-a-chéitein fhéin, ged nach robh i cho dathte ris an reul sin, ’s mar sin gun robh e air son a bhith dìleas ’s cumail ri ’fhacal mar bu choir do gach aon a dheanamh na leithid do chàs. Cha robh an seann Innseanach idir toilichte le [TD 18] [Vol. 10. No. 3. p. 2] so a thuigsinn, na idir Driùchd-a-chéitein fhéin, a bha, a réir coltais, air meas mor a ghabhail air a Ghàidheal òg, thapaidh, a thainig nam measg air doigh cho iongantach. Thug Aonghas as a phòcaid an sgàthan beag a fhuair e air a chladach, ’s thug e dhi e mar ghibht. Theab i dhol as a ciall leis a phròis ’s leis an toileachadh, is càch a tuiteam air muin a chéile feuch am faiceadh iad sealladh dhe ’n ioghnadh. Mar tha nàdar daonnta co-fhreagairt, co-dhiù bhios iad dubh na geal, bha sannt gàire air Aonghas, an uair a bha e ga ’faicinn ag amharc air a h-iomhaidh bhòidheach, ghrianach fhéin, leis an robh i, a reir coltais, gu math riaraichte. Cha robh cumadh anns nach cuireadh i ’h-aodann, air son i-fhéin fhaicinn na b’ fhearr, ’s a meoirean gu trang a cur suas ciabh dhubh an sud ’s an so, dìreach mar a chunnaic e na h-òighean geala Gaidhealach a deanamh, an uair a bhiodh iad a smaointean nach biodh duine ga ’m faicinn. Bha coinneal na dha am pòcaid Aonghais, agus thug e dha ’n ceann-feadhna iad, ach ’s e ’n sparradh na bheul ’s an ithe a rinn am fear sin, agus theab na sibhagan a thachdadh. Fhuair e sin greim air an sgàthan o ’nighinn, ach an uair a sheall e ann ’s a chunnaic e ’aodann preasach, tioram fhéin, leig e glaodh as ’s chaith e bhuaithe e, agus a mach a thug e. Bha e ’n dùil gur e spiorad a sheanar a bh’ ann; bha cuimhne mhath aig air, agus bha e fior choltach ris fhéin an uair a dh’ eug e, ’s an t-sùil ga dhith cuideachd. Thug e choille air, ’s Aonghas as a dhéigh; agus mar a bhios duine an uair a theid e na bhoil, ’s e chànain mhàthrail ’us deise dha. Bha Aonghas ag eigheach dha stad ann an Gàilig, ’s sin ga chlisgeadh-san buileach, glan. Bhuail bun craoibhe na chois ’s thuit e mu dheireadh, ’s an uair a chuir Aonghas a làmh air, chluinnt an ràn a leig e as mìltean air falbh. Thuig e gur ann roimhe fhéin a bha e teicheadh mu dheireadh, ’s thill e gu stòlda do na champ. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. IV. CHAIDH m’ athair a steach do ’n bhothaig, agus an uair a dh’ fhuasgail e lamhan na mna-uaisle, dh’ fheoraich e dhith co i, agus ciamar a thachair dhi tighinn do ’n àite ud. “Mo thighearna,” ars’ ise, “tha mise pòsda ri righ; agus tha ’n rioghachd againn ri cois na mara. Faisge air a’ mhuir tha àireamh theaghlaichean a’ fuireach de ’n chinneach ris an abrar na Saraseinich. Is ann do ’n chinneach so a bha ’m fuamhaire a mharbh thusa. Bha e ’na oifigeach aig an righ, agus thuit e ann an trom ghaol ormsa. Ach thug e an aire mhath nach leigeadh e ris gu ’n robh gaol aig’ orm gus an d’ fhuair e cothrom air mo ghoid air falbh. Is minic a thachair gu ’n robh am fortan na b’ fhàbharraiche do ’n duine dhona na bha e do ’n duine mhath. “Air lath’ àraidh thachair gu ’n robh mi fhin agus an leanabh ann an àite iomallach. Thainig am fuamhaire so oirnn gun fhios duinn, agus sguab e leis sinn le chéile. Bha fhios aige gu ’m biodh an righ ’gar n-ionndrainn gu trom, agus gu ’n cuireadh e daoine air ar tòir anns gach àite, agus air an aobhar sin, thug e leis sinn air astar fada gus mu dheireadh an d’ thaing e leinn do ’n choille so. Ach bronach ’s mar a tha mo staid anns an aite thruagh so, tha aobhar agam a bhith toilichte nach d’ rinn e ainneart orm, borb agus fiadhaich ’s mar a bha e. Ach bhagair e iomadh uair ainneart a dheanamh orm, agus eadhoin mo chur gu bas mur geillinn dha le mo thoil. Agus feumaidh mi aideachadh gu ’n robh mi cho mor air mo bhrosnachadh ’na aghaidh ’s gu ’m b’ fhearr leam gu mor am bàs fhulang na geill a thoirt dha anns an tomhas bu lugha. A dh’ aon fhacal, b’ fhearr leam gu mor am bàs fhulang na mo chliù a chall. “So agaibh, mo thighearna,” ars’ ise, “cunntas cheart agus chothromach air a’ mhi-fhortan a thainig ’nam rathad-sa. Tha mi ’creidsinn gu ’m bheil truas agaibh rium, agus tha mi cinnteach nach ’eil aithreachas oirbh air son mo bheatha shàbhaladh dhomh.” “A bhaintighearna,” arsa m’ athair, “faodaidh sibh a bhith cinnteach gu ’m bheil truas mor agamsa ribh, agus ni mi a h-uile rud a ghabhas deanamh a chum bhur deanamh sona rithist. Cho luath ’s a shoilleiricheas an latha maireach falbhaidh sinn as a’ choille so, agus feuchaidh sinn ri amas air an rathad a tha ’treorachadh gu baile Dheridhabar, ceanna-bhaile na rioghachd agamsa. Agus ma thogras sibh fuireach ann, faodaidh sibh tàmh a ghabhail anns an lùchairt gus an d’ thig an righ g’ ar n-iarraidh.” Ghabh a’ bhaintighearna an tairgse so gu toileach. Agus gu math moch ’s a’ mhaduinn an la-iar-na-mhaireach, dh’ fhalbh iad as a’ choille. Thachair a sheirbhisich uile ri m’ athair beagan uine an deigh dhaibh a dhol a mach as a’ choille. Chuir iad seachad an oidhche roimhe sid air a thoir, agus bha iad fo mhor dhragh inntinn a chionn nach robh e ’tachairt riutha. Bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad gu ’n robh bean-uasal a bha anabarrach maiseach, agus leanabh gle bhriagha, ’na chuideachd. Dh’ innis e dhaibh a h-uile car mar a thachair dha, agus an cunnart anns an robh e nan do thachair gu ’n d’ thug am fuamhaire an aire dha. Chuireadh a’ bhean-uasal air muin an eich air culaobh fir dhe na seirbhisich, agus thug fear eile dhiubh leis an leanabh. An uair a rainig iad an lùchairt aig m’ athair, chuireadh seomraichean mora maiseach air leith dhi, agus thugadh fa near gu ’m biodh an leanabh air fhoghlum gu curamach. Bha ’bhean-uasal gle thaingeil do m’ athair air son meud a’ chaoimhneis a bha e ’nochdadh dhi fhein agus do ’n leanabh. Bha i an toiseach gle neo-shocrach ’na h-inntinn a chionn nach robh a fear-pòsda ’tighinn air a toir; ach mu dheireadh dh’ fhàs i riaraichte gu leor le a staid, an uair a bha i ’faicinn gu ’n robh m’ athair a’ nochdadh dhi gach urram agus caoimhneas air an robh i dligheach. Agus is e mo bharail gu ’m biodh i mu dheireadh na bu toilichte fuireach ri ’beò anns an lùchairt aig m’ athair na falbh a dh’ ionnsuidh a càirdean. Ri ùine dh’ fhas mac na mna-uaisle so suas gu aois fearachais. Bha e gle mhaiseach, agus ann an tuigse ’s an geurchuis cha robh e fad air dheireadh air a h-aon sam bith dhe sheorsa. Chuir e e-fhein gu mor a staigh air m’ athair, agus bha meas mor aig m’ athair air. Bha ard-mhaithean na cùirte a’ smaointean gu ’m biodh e fhein agus mise air ar pòsadh ri ùine. Thug so orra a bhith ’g amharc air mar oighre a’ chruin, agus air an aobhar sin bha iad a’ deanamh moran dheth gus a dheadh-ghean a chosnadh. Thuig e ann an uine ghoirid ciod a bh’ anns a’ bheachd aca, agus dh’ fhas e mor as fhein. Agus air dha dichuimhn’ a dheanamh air gu ’n robh e ann an inbhe na b’ ìsle na mise, bha e ’smaointean o’n a bha meas mor aig m’ athair air, nach robh prionnsa anns ann t-saoghal do ’n tugadh e mise ri mo phòsadh air thoiseach air fhein. Chaidh e na b’ fhaide air aghart na so; oir an uair a chunnaic e nach robh m’ athair ’g am thairgse-sa dha ri m’ phòsadh, bha e cho dalma ’s gu ’n d’ iarr e air m’ athair mi. Ciod sam bith peanas air an robh e toillteanach air son a dhalmachd, cha d’ rinn m’ athair ach innseadh dha nach fhaigheadh e mise ri m’ phòsadh idir. Bhrosnaich so an t-òganach gu corruich mhor. Bha cheart uiread de thàmailt air ’s ged a dhiulteadh boirionnach cumanta dha, no mar gu ’m biodh e ann an inbhe a cheart cho ard riumsa. Ach cha do stad e aige so. Chuir e roimhe gu ’n deanadh e trom-dhiodhaltas air m’ athair, agus mar dhearbhadh air cho fior mhi-thaingeil ’s a bha e, shuidhich e gu ’n cuireadh e m’ athair gu bàs. A dh’ aon fhacal, chuir e m’ athair gu bàs, agus air dha an sluagh bu mhiosa a bh’ anns an rioghachd a chur air a thaobh, thug e fa near gu ’m biodh e air a ghairm ’na righ an aite m’ athar. Cha bu luaithe a rinn e so na chuir e roimhe tighinn do na seomraichean agamsa comhladh ri aireamh mhor dhe na daoine a bha air a thaobh, a chum gu ’n cuireadh e gu bàs mi mur bithinn deonach a phòsadh. Ach mu ’n d’ fhuair e uine gus a dhroch-bheirt a chur an gniomh, thainig an t-ard chomhairleach a bh’ aig m’ athair, agus a bha riamh dìleas do m’ athair, far an robh mise, agus thug e leis mi do thaigh caraid, far an robh mi sàbhailte gu leor gus an d’ fhuaradh long deiseil a bheireadh air falbh as an rioghachd mi. An sin dh’ fhàg mi an t-eilean ’nam dheigh, agus cha robh duine comhladh rium ach bean-choimhideachd agus an t-ard-chomhairleach coir, caoimhneil; oir b’ fhearr leis nighean a sheana mhaighstir a leantuinn, mi-fhortanach ’s mar a bha i na umhlachd a thaisbeanadh do righ eucorach. Rùnaich an t-ard-chomhairleach mise thoirt leis do’n lùchairt aig an righ a b’ fhaisge dhuinn gus impidh a chur air cuideachadh a dheanamh leinn, agus dioghaltas trom a dheanamh air an fhear a chuir m’ athair gu bàs. Ach cha robh e air òrdachadh gu ’n tachradh so. Cha robh sinn moran laithean aig muir an uair a shéid stoirm uamhasach, agus a dh’ aindeoin gach stri a rinn na maraichean treuna a bh’ air bord, dh’ iomaineadh an long thun a’ chladaich, agus chaidh i na mìle pios. Cha ruig mi leas teannadh ri mion-chunntas a thoirt seachad air mar a bhristeadh an long. Cha ’n urrainn domh ach gann beachd a thoirt dhuibh air an staid mhuladaich anns an robh a’ bhean-choimhideachd, an t-ard-chomhairleach, mi fhin, agus gach aon eile a bha ’nar cuideachd an uair a bha sinn air ar tilgeadh ann an tonnan beuchdach, uaibhreach a’ chuain. Bha leithid de dh’ uamhas oirnn ’s nach b’ urrainn sinn beachd ceart a ghabhail air an t-suidheachadh anns an robh sinn. Chaill mise mo mhothachadh anns an àm; agus tha mi gun fhios agam co dhiubh chuireadh air tir mi air pairt de dh’ fhiodh na luinge, no a chaidh mi gu tir ann an doigh mhiorbhuilich eile. Ach an uair a thainig mo mhothuchadh ugam, fhuair mi mi-fhin air a’ chladach gun duine beò comhladh rium. (Ri leantuinn). “Cha Lion Beannachd Bru.” A MACH o’n chliù a fhuair na Gaidheil mar shaighdearan, cha ’n ’eil feart, ma dh’ fhaodte, anns a’ bheil iad cho ionmholta ri ’n aoidhealachd—am fialachd ri luchd-turuis ’s ri coigrich, gu h-araid le Biadh ’s le Deoch. Riamh o’n tha eolas againn air an cleachdadh, bha iad comharraichte airson na buaidh so. Dearbhaidh ar Bardachd, ar Sgeulachdan, ar Sean-fhocail, ’s ar n-Eachdraidh gur i Tir nam Beann Tir na [TD 19] [Vol. 10. No. 3. p. 3.] h-Aoidheachd; agus cha ’n ’eil coigreach a chaidh air thurus ’n ar measg nach d’ thug fianuis thoileach air caoimhneas agus air fialachd nan Gàidheal. Ge b’e an t-aobhar no an rùn o’n d’ eirich e, cha ’n ’eil teagamh ’n a fhirinn. Theirear gu bheil caochladh a tighinn oirnn anns an rathad so, a chum na cuid is measa, mar ann an iomadh ni eile; ach tha ’n Gaidheal doicheallach, spiocach fathasd air a chunntas ’n a chreutair maslach, agus gu ma fada bhitheas a’ chuis mar sin. Is ann ’n ar Sean-fhocail a mhàin a gheibh sinn aobhar ar deagh-bheus agus ar droch-bheus air an cur sios. Mholadh ’us dhi-moladh na Baird Ghaidhealach cho maith ri ach beag; ach ’s ann ainmig a dh’ innseadh iad c’arson. Teagaisgidh ar Bardachd ’s ar Sgeulachdan le eisempleir—is ann ’n ar Sean-fhocail a mhàin a gheibh sinn comhairle agus aobhar na comhairle. Ann an rathad aoidheachd ’us fialachd tha mi meas gu ’n deach ar Cleachduin os cionn ar Teagasg. Tha e gun teagamh fior gu bheil dimeas ’us tàir air a dheanamh gu minic agus gu mor; agus gu bheil dimeas ’ns tàir air a dheanamh air an atharrach: Bheirinn cuid oidhche dha ged bhiodh ceann fo achlais; Fialachd do ’n fhogarach ’us cnamhan briste do ’n eucorach; Bithidh sonas an lorg na caitheamh; Cha teid ni sam bith ’s an dorn dhuinte; Is maith a sheoladh an rathaid am fear nach bi maith air an aoidheachd; Suidh gu h-iosal ’us diol gu h-uasal;—cha b’ urrainn a bhi na b’ fhearr na so. Agus a ris chi sinn am meas a bha na seann daoine a’ cur air caoimhneas ri ’n coimhearsnaich leis mar bha iasachd no coinghill air am moladh leo. Bha iasad a ghabhail ’s a thoirt riamh feadh an t-saoghail; Millidh aire iasad; Cuir an t-iasad dhachaidh a’ gaireachdaich. Ach is eigin aideachadh gu ’n robh beusachd nan Gaidheal mar bu trice feineil. Cha do rainig iad ’n an teagasg cho tric ’s a rainig iad ’n an cleachduin air an riaghailt: Gach uile ni bu mhiann leibh daoine a dheanamh dhuibhse, deanaibhse a leithid dhaibhsan mar an ceudna. B’e ’n teagasg, agus an so cha robh iad na bu mheasa na daoine eile: Gach ni a ni daoine dhuibhse, deanaibhse a leithid dhaibhsan mar an ceudna. Gheibhear an teagasg ceudna mu bhiadh: Beathaich thusa mise an diugh ’s beathaichidh mise thusa am maireach; An lamh a bheir, ’s i gheibh; Is iomadh mir a thug thu do ’n bheul a mhol thu. Agus is e teagasg de ’n aon seorsa, ach ceum na ’s airde a gheibhear anns na beachdan geur, cothromach air caomhnadh ’s air caitheadh a tha anns na Sean-fhocail a leanas: Cinnidh a’ chrionntachd, ’s theid an ro-chrionntachd a’ dholaidh; Tionailidh maoin maoin, ’s tionailidh fiachan fiachan; Tha caitheadh ann is caomhnadh e, tha caomhnadh ann is caitheadh e. ’N ar Sgeulachdan agus ’n ar Seana Bhardachd gheibhear eisempleiran gun chrìch air a chuid is airde ’s is fearr de theagasg nan Sean-fhocal. Rachadh “biadh an aite chaitheamh, deoch an aite h-ol, ’s ceol an aite eisdeachd,” a thoirt do ’n fhear-thuruis mar a dhlighe, gun fheoraich codhiu bu charaid na nàmhaid e. Lean a’ chleachduin ionmholta so ’n ar Tìr, ann an tomhas mor, g’ ar latha fein. Ach o chionn da cheud bliadhna gheibhear atharrachadh mor anns a’ mheas a bha ar Sluagh, no co-dhiu ar Baird, a’ cur air deoch laidir. B’ abhaist do na seanachaidhean a bhi ’g innseadh mu ’n eolas a bha aig priomh luchd-aiteachaidh Albainn air liunn a dheanamh de shugh barr an fhraoich, agus air cho curamach ’s a ghleidh iad an t-eolas so o choigrich. Tha e coltach gu ’n do chaill iad fein an t-eolas air an deireadh, ma dh’ fheudar idir a radh gu bheil bun no barr aig an sgeul. Ach fhuair na Gaidheil eolas da cheud bliadhna roimhe so air deoch laidir a lean riu, cia air bith co as, no ciamar. ’S e mo bheachd fein gur ann thar Galldachd a thug iad an t-eolas so—dearbhadh ùr air an t-seann fhìrinn nach urrainn mac an duine blasad de chraobh an eolas gun a bhi fiosrach air olc maille ri math. Fhuair na Gaidheil deoch mhisgeach ’s thug iad “uisge-beatha” mar ainm oirre—“uisge-teine.” Mar so bha e o thoiseach. An uair a choinnicheas Sluaigh, gabhaidh iad ’us bheir iad seachad am maith ’s an t-olc. Tha smùdan fein os cionn gach fòid; agus eadhon ri fòid an eolas cha gharar Sluagh gun aon a nis ’s a rìs bhi air a thachdadh. Riamh o’n àm a dh’ ainmich mi, bha e ’n a chleachduin aig na Baird a bhi moladh an uisge-bheatha. Cha ’n fhoghnadh leo Marbhrann a dheanamh do gach aon de ’n luchd-eolais a b’ ainmeile na cheile, anns am biodh gach feart chliuteach a bhuineadh dha, agus iomadh feart nach buineadh, air an cuir as a leth; ach b’ eigin a thuilleadh air fialachd an cairdean, le biadh ’s le deoch, a bhi sniomh moran rannan anns an robh gach buaidh fo ’n ghrein ri ’m faotainn co-cheangailte ri uisge-beatha. Cha ’n ’eil teagamh sam bith agam fein nach robh cleachduin ar Baird agus eisempleir morain diubh anns an rathad so cronail d’ ar Sluaigh. Tha iomadh ni an aorabh a’ Ghaidheil, ’n a Fhuil, ’n a Eachdraidh, ’us ’n a Thìr a tha deanamh cuid de chleachduinean neo-fhreagarrach air a shon, agus tha mi meas gur e baigh ri deoch-laidir aon diubh so. Is docha gu ’n cuir luchd-aiteachaidh gach Tìr a tha bochd, neo thorach, meas neo-ghnathaichte air biadh, ’s gu ’m bi a chliu mur bì a bhlas gu tric ’n am beul. Theireadh na seann daoine, “Uraireachd na bà a mach ’s a steach, mur leighis so an Gaidheal cha ’n ’eil a leigheas ann.” Agus tha mi smuaineachadh gu ’n aidich gach aon a shiubhail a bheag de ’n Tìr ’s a chunnaic a luchd-dùthcha a’ suidhe gu biadh aig banais no air turus, gu bheil bàigh mhor aca fathasd ri crobh dubh, marbh ’us beò. Ach cha ’n e saill nam bà ach sugh an eorna is ioc-shlaint do gach creuchd a nis. Tha mi smuaineachadh nach do leasaich sinn cleachduin ar n-Aithrichean anns a cheum so, Ghleidh iadsan ordugh ceart eadar Biadh ’us Deoch;—chuir sinne car mu chrios dhiubh agus b’ fhearr iad bhi mar bha. An t-Iompaire a Baigearachd. BHA air àm sonruichte gainne mhor air teachd an-tir ann an Ruisia. Smaointich an t-Iompaire, (sinn-seanair Nicolais I.), gu falbhadh e a bhaigeirachd, a dh’ fhaicinn ciod an tighinn roi’ bha aig an t-sluagh. Chuir ’se e fhéin an trusgan freagarrach dha thurus, agus chaidh e gu baile dùthcha a bha beagan mhiltean o’n cheanna-bhaile. Bha e air falbh air feadh a’ bhaile so ré an latha, ag iarraidh na deirce; ach cha ’n fhaigheadh e ni sam bith, uiread is greim bidh, na tigh a bheireadh fasgadh na h-oidhche dha. ’Nuair thuig e, a reir coltais, gu ’m biodh e mach air an oidhche, dh’ fhalbh e am beachd dol dhachaidh; ach a dol troimh iomall a bhaile chunnaic e duine na sheasamh an dorus bothain, air an robh coltas suarach. Labhair e ris, ’s dh’ innis e dha gun robh e fad an latha feadh a bhaile gun bhiadh, gun deoch, agus nach faigheadh e taigh a bheireadh fasgadh na h-oidhche dha. “Mata, a dhuine bhochd,” ars’ am fear eile, “cha ’n ’eil mo bhothan-sa ach mi-fhreagarrach a’ nochd fhéin—tha mo bhean an saothair chloinne—ach ma thogras tu tigh’n am fasgadh ’n taighe faodaidh tu tigh’nn a stigh.” Chaidh am baigeir gu taingeil a stigh, agus air suidhe dha, chunnaic e triuir phàisdean nan cadal timchioll an t-seorsa theine a bha stigh, agus aon eile air a ghlùinibh ag ùrnuigh gu dùrachdach air son a mhàthair. Bha fear an taighe am bitheantas anns a cheann eile, far an robh a bhean thinn; ach uair dhe na h-uairibh ruith e mach, agus an ùine ghoirid thainig e stigh, a’s builghean bheag de mhinruaidh aige. Thainig e far an robh am baigeir, agus thug e slios dha dhe ’n bhuilghinn ag ràdh, “A dhuine bhochd, ith sin; ’s cha ’n ’eil ni agamsa a gheibh thu leis.” Thug e slios do gach aon dhe ’n chloinn. An sin sgaoil e seana bhrat air an urlar, ag ràdh ris a bhaigeir, “Leig thu fhéin na ’d shineadh air a sin, maille ris a chloinn.” Luidh am baigeir agus a chlann air a bhrat, ach robh an cadal a tighinn. Bha fear an taighe air ais agus air aghart a chuid bu mho dhe ’n oidhche, ach fa dheoidh, thainig an leanabh, agus an uair a chuireadh an uidheam e, thainig fear an taighe ga shealltainn dha ’n bhaigeir. Dh’ eirich am baigeir na shuidhe, agus ghlac e na uchd e, ga mholadh agus ag ràdh, “Tha mise ag innse dhutsa gu ’m bi ’n leanabh so sealbhach fhathast; tha mise ag aithneachadh air a dha shùil gu ’m bi e fortanach! C’uin a tha thu am beachd fhaotainn air a bhaisteadh?” “Am maireach, mu mheadhoin latha,” arsa fear an taighe. “An gabh thu mi-fhein ga chumail ri baisteadh?” ars’ am baigeir. Sheall fear an taighe le iongantas air, ’s thubhairt e gu h-agail, “Gabhaidh.” Nuair a thainig an latha, thog am baigeir air gu dol air feadh a’ bhaile, na ’m b’ fhior, ach cha leigeadh fear an taighe mach e gus an itheadh e slios dhe ’n bhuilghinn. Ach coma co dhiu, bha ’n latha tighinn, ’s cha robh am baigeir a tighinn, ’s cha bu mhisde le fear an taighe ged nach d’ thigeadh e. Mu dheireadh mu mheadhoin latha chunnacas buidheann mhor do dh’ eich ’s do choisichean a tighinn dh’ ionnsuidh a bhaile. Ann an ùine ghearr dh’ aithnich iad freiceadan an Iompaire. Bha iad a gabhail seachad air bothan an duine bhochd gus an robh carbad an Iompaire fa chomhair an doruis. An sin fhuair am marc-shluagh ordugh stad. Leum an t-Iompaire as a charbad, ’s air ruighinn an doruis, ghlaodh e, “Am bheil an leanabh sin ullamh gu ’bhaisteadh?” Fhreagair fear an taighe le geiltchrith na ghuth, “Tha.” “Faigh am mach e, mata?” ars’ an t-Iompaire. Bha ’n duine bochd fo eagal mu ’n leanabh a thoirt am mach. Ach thuirt an t-Iompair’ e ghreasad air, a cuir na chuimhne gun do gheall e raoir dhasan an leanabh gu chumail ri baisteadh. Thugadh a mach an leanabh, ghabh an t-Iompaire air a ghàirdeanaibh e, agus choisich e leis gu tigh an t-sagairt, agus an deigh a bhaisteadh, ghiulain e air ais e gus an do liubhair e an leanabh dha mhàthair, ag radh, “Gabh cùram math dhe’n leanabh sin, ’s gheibh thu ceithir mile dollair air son cioch a thoirt dha, agus na dheigh gin gabhaidh mi fhéin cùram dheth.” ’Nuair a bha an leanabh ullamh cìche, thug an t-Iompaire fhéin leis e, ’s thog e na theaghlach fhéin e. Tha eachdraidh ag innse gu robh an leanabh ceudna na cheann-feadhna aig Peadar ainmeil. Faodair a bhi cinnteach gu faodadh fear an taighe biadh a b’ fhearr na builghean ruadh a thoirt dh’ an ath aoidh a thigeadh. Tha ’h-uile duine còir gun ’fheuchainn. Tha ’h-uile fear na leomhann air a chuid fhéin. Teirgidh Cruachan Beann, gun dad a dhol ri ’cheann. Tha aon chas na ’s leòir do ’n fhìrinn, cha tuitidh a’ bhriag le trì. [TD 20] [Vol. 10. No. 3. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IULAIDH 19, 1901. Litir a Ceap Nor. Cia luath tha ùine ruith seachad? Bu chòir dhomh bhi air sgriobhadh air a mhios s’a chaidh, ach ma ’s urrainn mi sgriobhaidh mi a rìs mu’n criochnaich am mios so. ’Se pàirt dhe na dh’ aobharaich an dàil so, gun thòisich an t-seirbheis a bha’n co-cheangal ris a chomanachadh a bha againn ’s an eaglais Chléirich air an t-Sàbaid mu dheireadh dhe’n mhios, tri là roimhe sin. Bha ’m ministeir againn fhein air a chomhnadh gu comasach aig an àm, leis an Urr. Calum Mac Leoid, á Baile nan Gall. Cha robh dìth shearmoinean dùrachdach agus drùiteach oirnn; agus bha aon dhiubh sin o Mhata, caib. 27, rann 22:—“Ciod ma seadh a ni mi ri Iosa, d’ an goirear Criosd.” Nochd an t-searmoin so, le Mr Mac Leoid, do gach aon de’n luchd-eisdeachd, nach robh dol a null no nall aig neach sam bith gun ghnothuch a bhi aige ri Iosa—gu bheil gach neach an dara cuid a’ gabhail ris no ’ga dhiùltadh—agus ciod a ni Iosa fadheòidh ris an da sheorsa sluaigh. Tha Mr. Mac Phàrlain an deigh am mansa fhaotainn air dòigh gu h-eireachdail; agus tha’n sluagh a nis ag obair gu trang a togail sabhal ùr agus comhfhurtail. A bhàrr air sin, tha suidheachain ùra gu bhi aca ’s an eaglais an ùine ghearr. Tha ’m bàta-smuide Weymouth a’ ruith ris na cladaichean a ris; ach cha ’n ’eil e coltach gu bheil i idir air doigh cho math ’s a bha cuid dhe na paipeirean ag radh a bhiodh i mu’n rachadh i ris air cuan. Gheill i o chionn ghoirid a mach o Ingonish, agus b’ fheudar do na bha tighinn do ’n aite so tir a ghabhail agus deanamh mar a b’ fhearr a b’ urrainn iad. Tha sinn a cluinntinn gu ’m b’ fheudar ise a thoirt air ais le bàta-slaodaidh gu Sidni a Tuath. Tha mi ’n dùil gu ’n deachaidh aice air tighinn aon uair eile o’n àm sin, ach tha sluagh na siorrachd a nise cho eòlach air a doighean ’s nach urrainn ach fior bheagan earbsa bhi aca aisde. Ma tha bàta air cuan a’s trice a thug an car á daoine, b’ fhior thoigh leinn cùnntas a leughadh m’a timchioll. Mur dean i na’s fhearr air a bhliadhna so na b’ àbhaist dhi, ’s dleasdanach do ’n t-sluagh gun ghiùlan leatha na ’s fhaide. Tha aimsir bhreagha fàs air bhi againn o chionn ùine, ach ged thà cha’n eil e coltach gu’m bi feur cho math aig cuid ’s a ’s minic a bh’ aca. Cha’n ’eil teagamh nach d’ rinn reodhadh a gheamhraidh milleadh mor air cuid a raointean a bha air an deadh mhathachadh. Tha coltas math air a bhuntata, ’s tha sinn an dòchas, ma dh’ fhanas an daolag sgreataidh uaith, gu ’m bi roinn mhath aig gach aon diubh. Tha ’n “Tuathanach Ban” a cur roimhe dol gu Sidni a Tuath an ceann la no dhà, agus ma bhios sinn air ar caomhnadh gus an till e, ’s dòcha gu’m bi beagan naidheachdan aige a cheadaicheas e chur ’s an ath litir, ach mur bi, cha ’n ’eil air ach leigeil leis, agus deanamh mar a dh’ fhaodas sinn. M. D. Ceap Nor, Iulaidh 8, 1901. A reir a chùnntais a tha na paipearan-naigheachd a toirt air, cha ’n e Montreal baile ’s fhearr riaghladh a tha air an t-saoghal. O chionn mios no dha air ais ghairmeadh tairgsean air son sràidean a’ bhaile shoillseadhadh. Am measg nan tairgsean a chaidh a stigh, bha aon chuideachd deònach $54.75 ’sa bliadhna ghabhail air son gach soluis, agus bha cuideachd eile ag iarraidh $95.00 ’sa bliadhna air son na seirbhis cheudna. Ach bha an àireamh bu mhotha de bhuill comhairle a bhaile air son tairgse na cuideachd a bha ’g iarraidh na prise b’ àirde a ghabhail, agus dhiùlt iad an obair a thoirt idir do’n chuideachd eile. Tha aon de na comhairlich a bhòt air son air tairgse bu lugha a ghabhail ag radh gu ’n deachaidh tri mile dolair a thairgse dha air son a bhot a thoirt seachad air taobh na cuideachd eile. Iadsan a Phaigh. Ruairidh Mac Coinnich, Abhainn Bhlackett Lachuinn I. Mac Aidh, Scotsville. Iain B. Gillios, Gleann nan Sgiathanach. Domhull Mac-a-Phi, Gleann Moireasdan. An t-Urr. R. Mac Coinnich, Grand Mira. Iain A. Mac Gilleain, Iochdar L’Ardoise. A. D. Steele, Sidni. Alasdair R. I. Domhnullach, Meinn Lorway. Iain Beutan, Meinn Ghuail Mhabou. Iain Mac Iomhair, Bagh Bhaddeck. Tormad Mac Leoid, Meinn Reserve. Anna M. Nic-Dhonuill, S. W. Margaree. C. Mac Gill-fhinnein, an Abhainn Mheadhonach. Niall Mac Leoid, Port Morien. Iain F. Siosal, an Rudha Fada. R. W. Leonard, Port Hawkesbury. Iain Mac Rath, an Abhainn Mheadhonach. Cailean I. Mac Phail, Argyle Shore, E. P. I. Cyrus D. Dughlach, De Sable, E. P. I. Alasdair Mac Calamain, Orwell, E. P. I. Domhull Mac Gille-ghlais, Stellarton, N. S. Caipt. A. I. Moireasdan, Halifax, N. S. Dr. D. H. Domhnullach, Welsford, N. B. Iain Mac Amhlaidh, Southampton, Ont. Iain Mac-a-Phearsain, Somerville, Mass. Aonghas Domhnullach, Newton, Mass. Iain Camaran, Detour, Mich. M. Mac Iomhair, Elliston, Mont. Tearlach Duncan, Butte, Mont. Murchadh Mac-an-t-Saoir, Twin Bridges, Mont. G. C. Mac Gillemhaoil, Lunnainn, Sasunn. Iain Mac Aoidh, Lunnainn, Sasunn. (9) Ian Mac Coinnich, Lunnainn, Sasunn. (2) E. Hepburn, Lunnainn, Sasunn. A. Anderson, Lunnainn, Sasunn. Miss Nic Dhonuill, Lunnainn, Sasunn. Gilleasbuig Mac Fhionghain, Uidhist. LUACH ANABARRACH Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR,—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,980.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 21] [Vol. 10. No. 3. p. 5] Naigheachdan. Tha dha no tri dhe na leabhraichean Gàilig mu’m bheil sanas anns a’ paipeir air teirgsinn dhuinn, agus feumaidh iadsan a chuir g’an iarraidh foighidin a bhi aca gus am faigh sinn a nall á Alba iad. Cha ’n eil iad ri ’m faotainn air a taobh so dhe ’n chuan, agus uime sin theid beagan ùine seachad mu’m bi iad againn. Bha stoirm thàirneanach us dealanach ann oidhche Di-màirt, agus shil frasan troma uisge air an robh an dùthaich gle fheumach. Rinn an dealanach beagan millidh air tigh Neill Mhic Neìll aig Marion Bridge. Bhuail e an ceann an tighe, agus chaidh e troimh phosta leapa anns an robh dithis ghillean òga ’nan cadal, ach cha d’ rinn e dochann sam bith orra; cha deach uiread ’s an dùsgadh as an cadal. Dh’ fhalbh an soitheach-smùide Erik air a turus do’n àirde tuath maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Tha an soitheach so air a cur air falbh a dh’ iarraidh Lieutennant Peary, a tha anns an àirde tuath gun fios fhaotainn uaithe o chionn corr us da bhliadhna. Chaidh soitheach a chur air falbh g’a ionnsuidh an uiridh le luchd bidh us aodaich, ach cha do thill i toiseach a gheamhraidh mar a bha dùil a dheanadh i, agus cha ’n eil fhios co-dhiu rainig i an t-àite ’san robh Peary ’sa chuideachd no nach d’ rainig. Chaidh fear Niall Caimbeal a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Loch Mhic-an-t-Saoir, maduinn Di-haoine s’a chaidh. Bha e ag obair air an t-section, agus air dha bhi ’g amharc thairis air an rathad, thainig trein air gun fhios d’a. Dh’ fheuch e ris a charbad-laimhe air an robh e a thoirt bhar an rathaid, ach mu’n d’ fhuair e sin a dheanamh, bhuail an trein ann, ’s bha e air a thilgeadh taobh an rathaid ’s air a ghrad mharbhadh. Bha e da fhichead us coig bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean agus clann. Tha teas anabarrach ann an iomadh cearna de na Staidean aig an àm so. ’S ann ’sna bailtean móra, far am bheil a ghrian a’ dòrtadh sios a gathan loisgeach air na sràidean a tha air an dùnadh a stigh air gach taobh le togalaichean móra cloiche, agus far nach ruig deò gaoithe, a tha an gearain a’s motha. Tha daoine agus ainmhidhean a tuiteam as an seasamh leis an teas. Cha robh a leithid de bhruthainn ann an Chicago o chionn iomadh bliadhna ’sa bh’ ann air Didòmhnaich s’ a chaidh. Ged a tha muinntir nan Staidean a’ fulang cho mor leis a’ bhlàths, tha aobhar taingealachd againne anns a chearna so dhe’n t-saoghal nach eil an aimsir cho fior theth ’sa tha i ann an dùthchannan eile. Tha an t-side ann an Ceap Breatunn a’ fuireach glé bhriagha—cho briagha ’sa dh’iarradh neach sam bith—ged a tha an dùthaich gle fheumach air frasan uisge. Am Breatuinn tha aig parantan ri ainmean an cloinne a chur air leabhar-cuimhne na sgireachd anns am bi iad an taobh a stigh de shia seachdainean an deigh am breith, agus mur dean iad sin, cuirear cain orra. ’Nuair a rugadh Diuc Dhun-Eideann, darra mac banrigh Victoria, cha do chuireadh ainm air an leobhar ann an am, agus b’ fheudar dh’a mhathair cain seachd tasdain us sia sgillinn a phaigheadh. Feumaidh an teaghlach rioghail cumail ris an lagh cho math ri muinntir eile. Tha am Morair Minto, Ard-riaghladair Chanada gu bhi ann an Ceap Breatunn toiseach na seachdain s’a tighinn. Thig an soitheach air a bheil e tighinn a stigh do Shidni feasgar Di-luain, agus thig iad air tir maduinn Di-màirt, agus cuiridh iad seachad a’ chuid a’s motha de’n latha a’ gabhail seallaidh air a’ bhaile ’s air an obair iaruinn. Bidh Di-màirt air a chumail ’na latha saor anns a’ bhaile air son cothrom a thoirt do’n t-sluagh air failte a chur air an Ard-riaghladair an ann dòigh a bhios freagarrach do fhear a dhreuchd. The MAC-TALLA air crioch bliadhn’ eile ruigheachd, agus tha dòchas aige gu’n cum a chàirdean sin air chuimhne, agus gu’n cuir iad air adhart pàigheadh na bliadhna tha toiseachadh. Mar is aithne do gach aon aig am bheil fiosrachadh sam bith a thaobh a ghnothuich, tha cosguis mor timchioll air cur a mach paipeir, agus a chum soirbheachadh a bhi leis feumaidh an luchd-gabhail uile an dleasdanas a dheanamh ris gu riaghailteach. Cha’n eil toil againn a bhi toirt iomraidh air pàigheadh ro-thric, agus tha sinn an dòchas nach bi feum air—gu’n dean gach aon a tha leughadh MHIC-TALLA a phàigheadh gun dàil gun an còrr iarraidh. An uair thoisich an cogadh Boerach, chaidh àireamh nach bu bheag de dhaoine eudmhor as na Staidean a null a chuideachadh Chrugair. Fhuair a’ chuid bu mhotha dhiubh tilleadh dhachaidh beò, slàn, ach fhuair na Breatunnaich greim air cuid dhiubh, agus tha iad sin air an cumail mar phriosanaich ann an Ceylon, far nach bi ’nan comas cron sam bith a dheanamh gus am bi a’ bhuille mu dheireadh dhe ’n chogadh air a thoirt seachad. Air iarrtus chàirdean nan daoine sin chuir Riaghladh na Staidean impidh air an Riaghladh Bhreatunnach an saorsa thoirt dhaibh. Ach chaidh sin a dhiùltadh, agus b’e am bonn air an deach a dhiùltadh nach b’ urrainn do Bhreatunn amharc air daoine a bha ’cogadh na h-aghaidh mar iochdarain dùthaich eile. Cho luath sa chaidh iad a chogadh os leth nam Boereach chuir iad cùl ri’n dùthaich féin, agus cha robh gnothuch aca rithe tuilleadh. Cha bhi aig na Boerich Gheancach, ma ta, ach fuireach fo chuing fhuathach Bhreatunn, ’sa bhi ’guidhe gu ’n greas an latha bhios an t-sith air a gairm; oir ’s ann an uair sin a bhios dòchas aca faighinn m’ a sgaoil. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228 Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean, Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Benzanson, Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. Sraid Shearlot, Sidni. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 22] [Vol. 10. No. 3. p. 6] Na Baird Ghaidhealach. Tha an cùnntas gearr a leanas air triùir de na bàird ainmeil Ghàidhealach air a thoirt as a’ “Chuairtear Og Ghaelach” air an d’ rinneadh iomradh ann an àireamh na seachdain s’ a chaidh. ROB DONN. Rugadh Rob Donn an taobh tuath na h-Alba, an aite ris an abradh iad Allt-na-Caillich, sa gheamhradh 1714. Bha e comharraichte bho oige; airson a theomachd am bruidhinn. Tha iomadh sgeul beag laghach, air an aithris uime o’n bha e na leanabh. Air dha athair a bhi, aon latha, sailleadh na feoil gheamhraidh, agus moran dha theaghlach na luidhe ’sa bhric thuirt e, “Cha ’n fhaodar beanailt de’n chuid ’s fearr de’n fheoil so, gus a faic sinn co chuireas seachad a bhreac gus an roinn orra.” “’S olc a chuid sin do’n fhear a dh’ fhalbhas;” ars’ an leanabh nach robh ach a dol air choiseachd. Na thri bliadhna dh’aois, rinn tailleir deise dha ’bha dunadh air a chulamh, rud nach do chleachd e roi’ sin. A cheud uair a dh’ fhiach e ris an deise a chuir uime, cha robh muinntir an tighe a stigh, agus dh’fhairtlich air na putainn a dhunadh air a chulaobh. Ruith e mach as an tigh mar bha e. Chunnaic a mhathair e ’s i tighinn dachaidh, is chronaich i e air-son e bhi ruisgte. Ach fhreagair e i mar so: ’S math dhomhsa bhi ’n diugh gun aodach, Le slaodaireachd Mhurchaidh ’Ic Neill, Mo bhroilleach chur air mo chùlthaobh, ’S gun a dhùnadh agam fhein!” Anns a bhliadhna cheudna, thug a bhan-altrtm (seann bhean) a mach e air latha araidh, far an robh muinntir an tighe buainn. Ghlac i an coran, ’s thoisich i air ribeagan a bha cach a fagail aice timchioll na clais a bhuainn. Bha i ri fiar mhonmhor trod, chionn bhi ga fagailse anns a chuid bu taine ’s bu ghainne de ’n arbhur. Fhreagair am brogach i fa dheireadh, ’s thuirt e: Bi-sa dol a null ’s a nall, Gus a ruig thu grunnd na clais’, Cha ’n ’eil air, ma tha e gann, Ach na tha ann a thoirt as. Chaochail am bard ainmeil so, na thri fichead-bliadhna-sa-ceithir a dh’ aois, anns a bhliadhna 1778. ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. Rugadh am bard ainmeil so, ma thoiseach an t-ochdamh-linn-deug. Bu mhac e do Mhinisteir na h-Eaglais Sasunnaich, a bha chomhnuidh ann a Muideart, aig an robh teaghlach mor eadar ghillean us nigheanan. Chaochail na h-igheanan uile anns a bhric, (na bhean-mhaith).—Bha Alastair comharaichte airson a thalann bho oige. Fhuair e ard sgoil. Bha Tighearna Chlann-Raonuil airson ionnsachadh fear-lagha thoirt da, ach ’s ann a bha’m beachd athair Ministeir a dhianamh dheth, ach mheall e orra le cheile. Ma’n d’ fhag e an Colaisde, phos e Sine Dhomhnullach a teaghlach dail-an-eas. Na dheigh sin thoisich e ri cumail ard sgoil, an Ardnamurchan. Bha e na fhior charaid do Phrionns’ Tearlach, chuir e cul ris gach tighinn a stigh a bh’aig; ’s ghlac e an claidheamh na aobhar: Dearbhaidh, beachdaidh, sibh bhi ceart da, Eiribh grad le ’r slògha; Gun ur mnathan, clann, no beairteas, Chur stad-feachd ’n ur dòchus; Ach gluasad inntinneach, luath, cinnteach, Rioghail, liont’ de mhòrchuis; Mar an raineach a’ dol sios duibh, Sgriosadh dian luchd-chleòcan. Bha meas mor aig air Prionns’ Tearlach, ’s bha meas aig a Phrionns’ air-san, mar ard sgoilear, mar shaighdear, a’s os cionn gach ni, mar bhard. ’S e a chuir a mach a cheud fhoclair Gailig a bha riamh an Albainn. Thainig an leabhar ainmeil so a mach anns a bhliadhna 1741, a choisinn cliu mor dha ’n ughdar, a thuilleadh air cho riatanach ’sa bha e ’s an am sin ’s a Ghaeltachd. IAIN LOM. Tha eachdraidh ag innse dhuinn gur e bu cheann-aobhair do ’n ainmsa thoirt air an duin’ ainmeil so, leis cho bearr, sgaiteach, ’s bha e air an teangaidh; ach tha cuid eile ag radh, gur ann o’n bha aghaidh lom gun fheusag, a fhuair e an t-ainm. Theirte air amannan Iain Manntach ris, o’n bha seorsa do stad na bhruidhinn. Bha am bàrd ainmeil so a mach á teaghlach Chlann Raonaill na Ceapaich, meur de na Domhnullaich. Bha e ann ri linn cogadh Mhontros. Bha fior naimhdeas guineach aige an aghaidh na’n Caimbeulach, bha e toirt droch ruitheanan de ’n teangaidh dhoibh. Choisinn so dha, gun chuir an t-uachdaran airgiod cinn as. Chual am bard so, dh’ fhalbh e agus thug e Caisteal Inmhearaora air, far a robh an t-uachdaran. Liubhair e e fhein dha. “Thoir dhomh a nis an t-airgiod cinn,” ars’ esan. Ged rinn e so, cha robh ann ach am fior ghealtair, agus tha e air a radh, nach b’e an t-uachdaran saighdear dad a’ b’ fhearr. Thoisich esan ri leithsgeul fhein a ghabhail, ged bha e ruith cuid sios le bardachd, gu’m b’e sud oifig-san, bha e daonan tearuint na measg. “Cha’n e amhain,” ars esan, “ach ann an Caisteal an uachdarain a chuir airgiod cinn asam, tha mi tearuinte.” Ghabh an t-uachdaran ris a sin gu baigheil. Thug e stigh e do sheomraichean a chaisteil, ’s air dhoibh a bhi dol roi rum araid, far an robh moran do chinn choilich dhubha an crochadh, dh’ fharaid an t-uachdaran dheth:—Am fac thu riamh Iain, an uiread sin do choilich dhubha an aon aite? “Chunnaic,” ars Iain. C’aite? “An Inbher-Lochaidh.” “A! Iain, Iain,” ars’ an t-uachdaran, “cha sguir thu gu brach a chagnadh nan Caimbeulach?” “’Se ’s duilich leam,” ars Iain, “nach urrainn mi ga slugadh.” Chaochail e na fhior sheann duine, mu ’n bhliadhna 1710, ’s rinn e do dh’ orain na lionadh leabhar mor leo fhein. Cath taobh na teallaich. REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A.W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. [TD 23] [Vol. 10. No. 3. p. 7] Seumas Fawcett. Tha beatha ’n duine so a nochdadh gu soilleir gur-a mor na theid aig duin’ air a dheanamh ma bhios an toil aige, a dh’ aindeoin cho doirbh ’sa bhitheas an ni sin a chuir e roimhe a thoirt gu crich. Chaidh aige air faotainn a stigh do’n Pharlamaid Bhreatunnaich, agus fhuair e aon de na dreuchdan bu chudthromaiche ’san rioghachd, agus e aig a’ cheart am dall. ’Nuair a bha e fhathast ’na ghille, rinn e suas ’inntinn gu’m biodh e latheigin ’na bhall de Thigh nan Islean, agus bha gach ni a bha e deanamh air a dheanamh le sin ’san amharc aige. Bha e direach an deigh a chursa ann an collaiste Chambridge a chriochnachadh, aig aois choig bliadhna fichead, ’nuair a chaidh e aon latha mach a shealg comhla ri athair ’s ri sgioba de chairdean ann an ceann a deas Shasuinn. Ann an dol troimh phairce a bha ’n sin, chaidh an duin’ og beagan air thoiseach air cach, agus beagan an deigh sin loisg ’athair, aig nach robh ach droch fhradharc, urchair air ian a bha direach an rathad a bha mhac. Chaidh a chuid bu mho dhe’n urchair anns an ian, ach chaidh da ghrainein air seacharan agus chaidh iad an suilean a mhic, a deanamh toll cruinn troimh gach suil ’san speuclair aige agus ’ga dhalladh ri bheo. An ceann dheich mhionaidean, tha e-fhein ag innse dhuinn, bha e air inntinn a dheanamh suas gu ’n leanadh e roimhe mar a runaich e o oige. Dall, bochd agus gun eolas sam bith aig an t-saoghal air, chuir e roimhe gu’m faigheadh e do Thigh nan Islean, agus an ceann sheachd bliadhna aig aois da bhliadhn’ deug air fhichead fhuair e a run agus ghabh e aite suidhe ’sa pharlamaid. Nuair nach robh e ach da fhichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois, dh’ eirich e gu bhi ’na Ard-Phost-mhaighstir na rioghachd. A bharrachd air an onair sin choisinn e cliu mor mar ughdar, agus mar fhear-teagaisg ann an aon de ard oilthighean Shasuinn. Ged a bha aige ri’ bheatha chur seachad ann an tiugh dhorchadas, bha e daonnan aoibheil, toilichte. Bha e a’ deanamh feum iomchuidh de nithean matha na beatha so. Bha e gle mheasail air ceol, agus rachadh aige air iomadh seòrsa cleas a chluich. B’ fhior thoigh leis a bhi ’g iomradh, agus bhiodh e eadhon a sceiteadh air an deigh, agus greim aige air an darra ceann de mhaide a bhiodh an laimh fir eile. Na dhreuchd mar Ard-Phost-mhaighstir, bha e ’na dhuine cumhachdach. Rinn e iomadh riaghailt mhath inntreachadh, agus gu h-araidh an lagh leis an robh na bancaichean-cumhnaidh air an cur air chois. Chaochail e leis an amhaich-ghoirt ’sa bhliadhna 1884. Calltachd na bliadhna leis. Biodh sin mar a chithear dha. Bithidh deireadh an latha salach. Cha ’n ann gun chomain a ni ’n croman fead. Ceistean An urrainn aon de luchd-leughaidh MHIC-TALLA innseadh dhomh am bheil no nach eil Gàidhlig aig righ Iomhar, a tha o chionn ghoirid air tigh’nn dh’ ionnsuidh a’ chrùin Bhreatunnaich? Nuair a bha mi ’nam bhalachan òg, chuala mi air aithris gu robh Banrigh Victoria cho measail air cànain nan Gaidheil ’s gu’n d’ fhuair i a teagasg do a cloinn nuair a bha iad a’ fàs suas. Bu mhath leam fios cinnteach a bhi agam co-dhiu tha no nach eil sin fior, agus mar an ceudna an robh Gàilig aig Banrigh Victoria féin. GAIDHEAL. Co a bheir dhuinn cunntas aithghearr air beatha an Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe? Tha mi tuigsinn gu’m bu bhàrd e a bha air leth binn, ach ’si mo bharail nach eil moran eòlais air a chuid bàrdachd anns an dùthaich so. Chuala mi o chionn ghoirid òran a rinn e do’n chuthaig air ’n do ghabh mi meas mor, agus b’ fhior thoigh leam eachdraidh a bheatha leughadh. ORANAICHE. Iceland. Ged a tha Iceland cho fada tuath tha e moran na’s blaithe na duthchannan eile tha ’san aon airde ris. Se tha dianamh sin, amhuinn bhlath a tha ruith troimh ’n chuan Atlantach ris an canar an Gulf Stream. Tha ’n amhuinn sin a falbh a Gulf Mhecsico, agus a dol a tuath; tha i bualadh air cladaichean Iceland am measg dhuthchannan eile, agus air a tailleabh tha fiar agus barr eile a fas gu math anns an duthaich. Tha moran de’n t-sluagh a deanamh am beothachd air togail spreidh us chaorach. Thatar a’ cur moran de na caoraich do Bhreatunn na h-uile bliadhna. Cha’n eileas a’lomradh nan caorach idir, ach toiseach an t-samhraidh tha iad a’ cur na cloimhe. Tha i air a trusadh an sin ’s ’ga cur gu feum. “Cha’n eil mi cinnteach,” arsa bean araidh, “an robh am Mac Strodhail cho fior dhona ’n deigh a h-uile rud.” “Cha ’n eil mi ’faicinn gu de ’m math a rinn e,” arsa ’fear rithe. “Cha mhor a rinn e riamh air son a theaghlaich, co-dhiu.” “Aon rud a rinn e,” ars ise, “nuair a thainig e dhachaidh bha e samhach. ’Nam biodh e coltach ri daoine ’n latha ’n diugh, ’se cheud rud a dheanadh e ’n deigh dha tighinn, toiseachadh ri talach air an doigh air an robh ’n laogh biadhte air a dheasachadh air a shon.” Chaidh fear Micheal Mac Neill, mèinneadair, a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn Chaledonia Dior-daoin s’a chaidh le tuiteam guail. Chaidh a dhruim a bhristeadh, ’s bha a dha chois air am pronnadh. A bharrachd air sin bha e air a ghoirteachadh air an taobh a stigh. Cha b’ ann air muileacha-mag a chaidh m’ arach-sa. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas MacLeoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Sidni, C. B. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr Amy Mhoraidh. FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH. (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E, 14th St., New York. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS: Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 24] [Vol. 10. No. 3. p. 8] An Gaidheal air Leaba-bais. LE EANRAIG MAC-ILLEBHAIN, GLASACHO. Fad’ air falbh bho thìr nan àrd-bheann, Tha mi ’m fhògrach an tìr chéin; Am measg choigreach ’s fad’ o m’ chàirdean, Tha mi ’m laidhe so leam féin. Tha mo chridhe briste, brùite, Saighead bàis a nis am chom, An ùine ghearr mo shùil bidh dùinte, ’S aig a’ bhàs mi ’m chadal trom. ’S tric ag éirigh suas am chuimhne, Albainn àillidh, tìr nam beann; Chi mi sud an lèanag uaine,— A’s am bothan anns a’ ghleann. Tha gach ni fo bhlàth gu h-ùraidh, Aig an allt tha crònan fann, Air a’ ghaoith tha fàile cùbhraidh ’Tighinn bho fhlùrain nach ’eil gann. ’S ann an sud a fhuair mi m’ àrach; ’S mi neo-lochdach mar na h-uain; Ach ’s lom a dh’ fhàgadh nis an làrach Bho ’n a sheol mi thar a’ chuain. Thar leam gun cluinn mi guth nan smeòrach, ’Seinn gu ceòlar feadh nan crann; ’S òran binn nan uiseag’ bòidheach, Ard ’s na speuran os mo cheann. Chi mi chill aig bun a’ bhruthaich, Taobh an uillt tha ruith gu lùgh’r, ’S tric a bha mi sud gu dubhach, Caoidh nan càirdean tha fo ’n ùir. Mo mhàthair ’s m’ athair tha ’n an sìneadh, ’N cadal siorruidh anns an uaigh; ’S chaidh mo chopan searbh a lìonadh ’N uair a dh’ fhàg mi’n sin mo luaidh. Nis cha léir dhomh tìr nan àrd-bheann, Air mo shùil tha ceò air fàs; Am measg choigreach ’s fad’ o m’ chàirdean, Tha mi feitheamh air a’ bhàs. Thusa spioraid bhochd, tha ’n daorsa, Ach cha ’n fhada bhios tu ann; Thig, a Bhàis, a’s thoir dhomh saorsa, Beannachd leat, a thìr nam beann. Oran. LE IAIN RUAIDH DROBHAIR A BHA ’N RAINEACH. Duine bochd air bheagan mhart Cha ’n fhaigh e meas bho nàbaidh; Duine falamh ’s e gun ni Gur fada shios theid fhàgail. Bha mise uair do m’ shaoghal, ’S bha maoin agam a’s càirdean: Bu chompanach dhaoin’-uaisle mi, ’Nam shuidhe shuas ’s tigh-thàirne. Ach nis bho ’n tha mi aosmhor, ’S gu ’m beil mo mhaoin air m’ fhàgail, Cha ’n aithnich fear de ’n chiad mi, Ged chi iad air an t-sràid mi. Ged bhiodh gliocas Shol’ aig fear, A’s sgoilearachd Righ Dàibhidh; ’N uair their’geas a chuid storais, Cha ’n fhiach a chomhradh fàirdean. Cha ’n iarrar ann an comhairl’ e, Cha dean e gnothach stàthor: Measar e mar ùmpaidh, Cha ’n fhiù a ghuth no ghàire. ’S fuathach e le ’choimhearsnaich, ’S doimheil e le ’chàirdean; ’S ann is aobhar spuirt e Do luchd an uilc ’s àillis. Ma dh’ iarras iad gu drama e, Bidh faire air gach tràth ann; Gu ’m feum e bhi cho siobhala Ri luch aig stid’ fo smàgan. Ach am balach slaodach, Gun fhoghlum ach droch-nàdur, ’S e sin an sàr dhuin’-uasal: Tha ’n sporan uaine làn da. Tha ’n sluagh air fàs cho uaibhreach, ’S ’n an éideadh suas co àrda, ’S nach aithn’ear an duin’-uasal Seach buachaille an fhàsaich. Tha ’n Sgriobtur dhuinn ag innse, Le firinn nach gabh àicheadh, An uair is àirde ’n inntinn, Gu ’n leagar sios gu làr i. Ach marbhaisg air an t-saoghal, Gur caochlaideach a tha e; Ni ’n t-airgiod a’ h-uile ni, Ach anam duine ’thearnadh. Gur h-iongantach a chlaon e, Tha ’n daoibh a’ sior dhol ’n àirdead; Tha ’n t-ùmpaidh pailt de stòras, ’S an duine còir ’g a shàrach’. Ach ’n t-umpaidh ’g am bheil stòras, Airgiod ’s òr gun bhàigh leis, Cha ’n fhasa dol do ghlòir dha, Na dol tromh chrò na snàthaide. Ma gheibh mi lòn a’s aodach, Cha ’n iarr mi chaoidh na ’s àirde, ’S gu ’m bi mi leis cho toilichte Ri Bonipart ’n a phàillinn. Na Brogan Dannsaidh. LE IAIN MAC DHUGHAIL. SEISD— Cha dean na brògan dannsaidh An gnothuch idir, idir, idir; B’ olc na brògan dannsaidh Nach maireadh idir dhomhsa. Na brògan ’fhuair mi an Dunfris, Ged a bha iad boidheach, piollach, Thug mi ’n charraig iad g’a milleadh, ’S gun d’ rinn sud an stròichdeadh. Gun robh ’n gutta percha daor dhomh, ’S shaoil mi e ’bhi saor r’a cheannach,— Thug e na builg air mo bhuinn, ’S bi’dh cuimhn’ agam ri ’m bheò air. Dh’ éirich an t-uachdar o’n bhonn, ’S bha m’ òrdag mhor air lom na dallach: Sgaoil na deireannan o’n sàiltean, ’S rinn iad m’ fhàgail còmhla. Cha bhi mi coslach ri càcha, Ged ’theid mi gu bàil na banais, B’ fhearr leam an dibhersoin a chall Na dannsadh le droch bhrògan. Bha iad olc gu leum na fèitheadh, ’S cha robh feum annt’ anns a’ charraid, ’S dh’ fheumainn fuireach fad o’n ghriosaich Ged bhiodh m’ fheusag reòta. ’M fear a thàth ra cheile ’n tùs iad, Cha toir mise tùrn dha tuilleadh: On a mheall e mi le foill, Gur h-ann a thoill e ’chòrcach. Mur a dealaich e ri dhòighean, Cha toir duine beò dha cuirein: Faodaidh e ’n dorus a dhùnadh, ’S luidhe ’n cùil na mòna. ’N t-airgiod a chruinnich mi fhein, A reic nam biobull anns gach baile, ’S mor am milleadh air mo chliù A thoirt do dhiù nan gròigean. Bas. —Ann a Waipu, New Zealand, air an treas latha de dh’ Iun, thainig bàs gle aithghearr air Ruairidh I. Mac Aoidh, tri fichead us naodh bliadhna dh’ aois. B’e an treas mac bu shine bh’ aig Iain Ruadh Mac Aoidh, ann am Baddeck. Dh’ fhàg e bantrach, dithis mhac, agus coignear nighean. Tha an t-side ann an cuid de na Staidean a cheart cho caochlaideach ’sa tha i anns an dùthaich so fhéin. Ann an Trenton, an New York, bha stoirm shneachd aca Di-sathairne s’a chaidh, nuair a bha chuid bu mhotha dhe’n dùthaich a’ losgadh le teas. ’S ann uair gle ainneamh a chithear fras shneachda mu thoiseach an iuchair ann an dùthchannan a’s fuaire ’s is faide tuath na cearna sam bith de na Staidean. De Witt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking show-cards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 25] [Vol. 10. No. 4. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 26, 1901. No. 4. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. X. AIR feagar àraidh, beagan làithean an déigh na thachair anns a chaibideal mu dheireadh, chualas na coin a comhartaich, agus ann am beagan ùine bha na gaisgich fodh ’n armaibh ag éisdeachd, ’s an ceann-feadhna air an ceann, deiseil gus coinneamh gharbh a thoirt dhaibh, ma ’s e nàmhaid a bha tighinn. Ach cha b’e nàmhaid a bh’ ann, ach am buidheann a bh’ air falbh a bhuineadh dhaibh fhéin ’s a bha iad a feitheamh. Nochd iad, ma ta, le ceum mall, is eallach air gach aon. Chaidh cuid na ’n coinneamh ’gam fàilteachadh, oir bha cuid aig an robh càirdean agus companaich nam measg. Bha Aonghas ’na sheasamh ’s e ag amharc air a h-uile rud a bh’ ann, an uair a mhothaich e do choin a champa ’cur fàilte gu math coimheach air aon a measg chàich, a réir coltais nach robh iad ag aithneachadh. Bheachdnaich Aonghas na b’ fhearr air an duine so, ’s iad a nuas uige, agus chunnaic e nach robh e coltach ri càch. Bha feusag ruadh air, agus ged a rinn a ghrian a dichioll gus a losgadh, bha e gu math na bu ghile na càch. Bha gad ian aige na ’laimh, agus air do dh’ aon de na coin nach robh cho garg ri càch a dhol na choinneamh, thug e dha fear dhiubh, ag radh ris, an deagh Ghàilig, “So, a mhadaidh bhochd, o’n tha thu modhail; ’s gu dearbh tha do dhruim gu math feumach air”—briathran a chuir a leithid de dh’ ioghnadh air a chù ’s gu ’n do leig e as a chearc, a toirt cothrom do mhadadh cruaidh eile greim a dheanamh oirre ’s a chasan a thoirt leis, ’s càch na dheigh. Co ’n duine bha ’n so ach Calum. Leum Aonghas na choinneamh, ’s nam bu Fhrangaich iad bhiodh iad a pògadh ’s an gairdeanan a chéile, ach o’n a rugadh iad an tìr nam beann cha do nochd iad am faireachdain ’s an toileachadh, ged bu mhor e, ach le crathadh cruaidh lamhan, ged a bha na deoir nan sùilean leis an toileachadh. “Taing do Nì Math,” arsa Calum, an uair a fhuair e anail, “gun cluinn mi cainnt mo ghaoil aon uir eile. Bruidhinn, Aonghais, an ainm an àigh! ged a b’e mionnan fhéin a dheanadh tu! B’ fhearr leam, air m’ fhacal, mionnan Gàilig na a’ phaidir ann an cainnt sam bith eile!” “Co as a thainig thu, no ciamar a fhuair thu so?” ars’ Aonghas. “Theab nach aithnichinn thu leis mar tha thu air a dhol fo fhalt ’s fo fheusaig. Is cinnteach nach mise ’s fhearr? Ubh, ubh! a Chalum, ’s duilich dhomhsa bruidhinn, ’s nach fhaigh mi ’n cothrom leis na th’ agad fhéin ri ràdh, ged is e ceòl cho binn ’sa chuala mi o’n latha dhealaich sinn aig a chladach. Nach tu fhéin a rinn car-ma-chnoc orm an lath’ ud? Dé dh’ éirich dhut?” “Innsidh mi sin,” arsa Calum. “Cha robh thu air falbh cairteal na h-uarach an uair a thòisich noradaich chadail ri tighinn orm. Shocraich mi mi-fhìn cho math ’s a b’ urrainn mi fo dhubhar nam preas, agus chaidil mi. Cha robh mi fada gun dùsgadh co-dhiu, agus chuala mi mu ’n do dh’fhosgail mi mo shùilean gaoir iongantach ma chuairt orm. Sheall mi, ach bha mi smaointean gur ann as mo chiall a bha mi, nuair a chunnaic mi na daoine iongantach a bha ma chuairt orm. Dhùin mi mo shùilean ’sa mhionaid, feuch am falbhadh am bruadar gràineil a chunnaic mi, agus thug mi bìdeag asam fhéin feuch an robh mi beò; ach cha do dh’ fhàg am balla beò a bha ma chuairt orm fad ann an teagamh mi mu ’n chùis. Rug cuid dhiubh orm ’s thog iad na ’m sheasamh mi, feuch am faiceadh iad an robh mi comasach falbh air da chois mar a bha iad fhéin. Bha aon nam measg (am bòcan ud thall) a thug ionnsuidh air mo cheangal le iallan làidir, ach ged a bha mise fann ’s an àm, chuir mi e-fhéin ’s leth-dusan a bharr air ri talamh mu ’n d’ fhuair iad sin a dheanamh. Cheangail iad gu teann, cruaidh mi, ’s thug iad leotha mi na ’m phriosanach. Coma co dhiu, cha deach sinn fad air adhart—ceathrar dhiubhsan ga m’ ghiulan-sa—an uair a thòisich an ceum air fàs mall, ’s a choille a’ sior fhàs tiugh. Mu dheireadh leig iad as mi air an làr, ’s shuidh iad ma chuairt orm, ’s thòisich iad ri dian labhairt agus an sin ri cruaidh chomhdach. Thuig mi, ma ta, gun robh mi fo bhreth nam britheamhan aognaidh so, agus nach b’ fhiach mo bheatha bonn-a-sia san àm—gun robh i ’n crochadh ri snàthlain gu math faoin. Dh’ fhàs m’ inntinn fuathasach soilleir anns an àm, agus ged nach robh mi ’tuigsinn guth, bha mi leughadh nan gnùisean dubh aca. Thug mi ’n aire nach robh gaol aig a h-aon diubh dhomh. Bha cuid dhiubh a bha airson crioch a chur air mo bheatha ’s a mhionaid, ’s gun an corr dragh a ghabhail dhiom. Bha càch an aghaidh so, agus gu fortanach dhomhsa b’ iad bu treise. Bha iad so air son mo thoirt leotha beò, los gum pàrticheadh an treubh uile ’s an spòrs; ’s mar sin chaidh dàil a chur an ìobradh Chalum. Dh’ fhuasgail iad mi, agus thug iad dhomh feoil thioram ri ithe, ’s thug iad orm a thuigsinn gum feumainn mi-fhin a ghiulan an corr dha ’n astar. Gu fortanach thill mo neart, ’s dh’ fhàs mi cho aotrom, uallach ’s a bha mi mionaid riamh. Bha geard làidir orm co-dhiu, agus ged nach bitheadh cha tugainn ionnsuidh air teicheadh, oir cha robh fios agam co an taobh dhe ’n t-saoghal air an tugainn m’ aghaidh. “An ath latha bha sinn ag imeachd ri taobh aimhne car ùine. Gu fortanach thuislich an ceannard a bh’ air a bhuidhinn, agus thuit e ’n comhair a chinn do ’n amhuinn, ’s chaidh e á sealladh ann am prioba na sùl. Sheas càch ’s am beoil fosgailte ag amharc air na glumagan a bha ag éiridh as an lathaich a bha ’n grunnd na h-aimhne, ’s cha do ghluais iad làmh na cas air son a shàbhaladh. Gu fortanach tha mise cho math air an t-snàmh ris na ròin, agus leum mi do ’n ghrunnd air a thoir, agus air an darna h-ionnsuidh fhuair mi greim air chaol coise air, ’s thug mi air éiginn as an lathaich e ’n uachdar. Fhuaras an t-sradag beatha bh’ ann fhadadh suas, agus an ath latha bha e comasach air an t-slighe leantuinn. Cha dubhairt e cus, ach thuig mi gun robh caraid agam, agus bha mi gu math feumach air fear aig an àm. Bha meas gu leor aige fhéin ’s aig a chuideachd orm na dheigh sid, ’s cha robh dìth na deireas orm. O’n uair sin bha mo thoil fhin agam, gun dad ri dheanamh ach a leantuinn ag iasgach ’s a sealg a chruidh fhiadhaich; agus gu dearbh nam bitheadh tusa maille rium theirinn nach b’ olc a bheath’ e. Sin agad gearr-chunntais, ’Aonghais, air mar a dh’ éirich dhomhsa o’n a dhealaich sinn.” An uair a chuir Calum crioch air a naigheachd lean e Aonghas thun a phaileas a bhuineadh dha an uair bu toigh leis a bhi diomhair, far an d’ fhuair iad suipeir mhath, làidir. “An aon bhiadh criosdail,” arsa Calum, “a ghabh mi o’n a chuir mi cas—ar neo ’n e mo cheann a thainig air tìr an toiseach, Aonghais.” Faodar a radh gum bheil na h-Innseanaich gu math coingeis a thaobh ithe, ’s nach diult na stamagan aca rud sam bith air an dearg fiacail. “Feumaidh,” arsa Calum, “gu bheil giabain aig na daoine uamhasach mar a bhios aig na tunnagan air son cnamh am bidh.” Dh’ fhosgail sùilean Chalum le ioghnadh an uair a chual’ e naigheachd a charaid, agus gu h-àraidh an inbhe ’s an tiodal a bh’aige san àm. “Na d’ righ air an treubh!” arsa Calum, ’s e ag eirigh le cabhaig mhoir, agus rinn e beic ’us umhlachd air beulaobh Aonghais, ag ràdh, “Tha dòchas agam gun gabh ’ur morachd mo leisgeul a thaobh m’ aineolas n’ r ulàthair. Ach ceadaichidh sibh dhomh innseadh dhuibh nach robh cleachdadh agam air comunn ’ur seorsa riamh. ’S ann a bhios sinn ag amharc sios air Diuc Earraghàidheal fhéin a nis!” “Na bith cho gòrach, a Chalum, ar neo bheir mi upag dhut an rathad a bheil a chailleach mhor, dhubh sin thall. Tha mi ’faicinn gu bheil i air son cumail gu math dlùth dhut o’n a thainig thu. Is docha gum bheil i ga d’ choltachadh ris an fhear nach mairionn.” “Faodaidh i sin,” arsa Calum, “san trusgan so; ach cha ’n aithnich mise co-dhiu ’s e cailleach na bodach a th’ ann. Tha iad cho mi-nadarra ’s nach ’eil feusag fhéin air na fir, ach iad uile cho coltach ri chéile ris na feannagan.” Dh’ fhuirich iad seachdain eile anns an àite so, gus an leigeadh an fheadhainn a thàinig an anail gu math. Bha Calum gu mor ag ionndrainn an tombaca, oir bha e gle throm air a smoc, agus cha deargadh e, an deigh iomadh ionnsuidh, air an stuth a bha na daoine buidhe a cleachdadh. Bha fios aig Aonghas air a so, agus bhiodh e gun fhios do Chalum ag ionnsachadh Gàilig do dh’ Innseanach òg a bha tigheach air fiosrachadh, agus a bha gle ealanta air ionnsachadh a thogail. Bha Calum aon mhaduinn na shuidhe a càradh a bhrògan, an uair a chunnaic e am fear so a tighinn far an robh e, seorsa do phiob na ’bheul, ’s ceò gasd’ aisde. Thug e ’phiob as a bheul an uair a rainig e Calum, agus ars’ esan, ann an Gàilig mhath, “An gabh thu smoc, a Chalum?” Ged a bhruidhneadh a chraobh a bha ri druim Chalum cha ghabhadh e barrachd ioghnaidh ’sa ghabh e ’cluinntinn Gàilig a tighinn o bheul mi-nadarra an Innseanaich. “Cha ghabh, gu—gu dearbh!” ars’ esan, le guth fann, ’sa bhrog a tuiteam as a laimh. “Tut, a dhuine, so smoc!” arsa Ni Math. B’e sin an t-ainm a thug Calum air. [TD 26] [Vol. 10. No. 4. p. 2] Dh’ eirich Calum na sheasamh ’sa dha shùil air seasamh na ’cheann le ioghnadh, ’s e faireachduin gaoir neonach sios mu chnaimh a dhroma. Thàinig Aonghas, ’s e an impis a dhol as a chìdhlean leis a ghaireachdaich, ’s thuig Calum mar a bha. Air aon latha grianach thog an treubh gach treallaich a bhuineadh dhaibh, ’s thug iad an aghaidh an eara-dheas. Faodar a ràdh gu ’m b’ iad na boirionnaich air an robh cudthrom na h-imrich gu leir. Agus ged a bha Aonghas ’s a charaid g’ an cuideachadh o àm gu àm air an t-slighe, an dùil gun leanadh na gaisgich òg an samhladh, cha do leig iad sin orra gum fac iad iad, ’s cho mhò fhuair iad moran taing o na boirionnaich fhéin, ach o phàirt do ’n fheadhainn òga. “Tha eagal orm, a Chalum,” ars’ Aonghas, air dhaibh a bhi triall mar so, “nach cordadh e ro mhath ri Mairi Ailein d’ fhaicinn cho math gus frithealadh do Dhriùchd-a-chéitein, ’s gu ’m faodadh i na tha i ’giulan a chur na pòcaid.” “Ma ta, saol nach ’eil mi smaointean gur h-iomadh té a chunnaic mi nach robh cho bòidheach rithe, ged a tha i buidhe. Ach nighean mo chridhe! b’ fhearr leamsa gas feòir air an seasadh Màiri Ailein, na ’n treubh uile gu léir!” Bha iad mar so a dol air an aghart o latha gu latha air an socair. Thuig na gillean gun robh aca ri dhol astar mor an eara-dheas, far an robh comhnaidh na treubh iomadh bliadhna roimhe sud. Thachair gun robh ’n treubh so aon uair lionmhor agus làidir. Bha iad a cogadh ’sa ruagadh nan treubhan a bha mu thuath orra; ach an teis-meadhain a chogaidh, ’s iad fada mu thuath ann an dùthaich nan nàmhaid, bhual a bhreac, na bhanachdach iad, agus sgrios an tinneas sin iad cha mhor gu léir. Mar sin thionndaidh an t-sealg air an t-sealgair, agus ruagadh am beagan a bha beò dhiubh do dh’ àiteachan, far an robh iad uige so, a gabhail cothrom air an naimhdean an uair a gheibheadh iad e. Bha ’n tinneas ceudna nis aig na naimhdean; ’s mar so, an deigh iomadh bliadhna, fhuair iad an Eiphit fhàgail ’s an aghaidh a chur air Canàan aca fhéin. Bha iad gu math sàmhach ag imeachd gun chabhaig sam bith. Tha ’n t-Innseanach gu nàdarra stòlda, sàmhach, gun chus ri radh mar is trice uair sam bith, mar a bhios duine buailteach a bhith a thatar ag àrach ann an sàmhchair nan coilltean mora, agus fàsaichean gun chrìch. Ach an drasda ’sa rithist bhiodh gnothaichean a tachairt a bha cumail biadh smaointean agus bruidhne ris na Gàidheil, ’s mar sin a cur seachad na h-ùine. (Ri leantuinn). An Saighdear. BHA seann saighdear ann aon uair, agus thréig e ’n t-arm. Chaidh e gu mullach cnoic a bha ’m braigh a bhaile, agus thubhairt e, “Gu ma th’ ann a thig an Donas, agus mise a thoirt leis air a dhruim, an ath uair a thig mise an sealladh a bhaile so a rithist.” Bha e so a coiseachd, gus an d’ thàinig e gu tigh duin’-uasal a bha ’n sin. Dh’ fheoraich Iain do ’n duin’-uasail am faodadh e fantainn na thigh air an oidhche sin. “Mata,” ars’ an duin’-uasal, “bho ’n is seann saighdear thu, agus coslas duine calma gun fhiamh na eagal na d’ ghnùis, tha caisteal ri taobh na coille sin thall, agus faodaidh tu fantainn ann gu latha; gheibh thu piob ’s tombaca, cuach làn uisge agus Biobull gu leughadh.” Nuair a fhuair Iain a shuipeir, thug e ’n caisteal air. Chuir e teine mor air, agus nuair a thainig tacan do’n oidhche thainig dithis mhnathan ruadh a steach, ’s ciste duine mhairbh eatorra! Thilg iad i ri taobh na teallaich, ’s leum iad a mach. Dh’ eirich Iain, ’s le sàil a choise chuir e ’n ceann aisde. Tharruinn e mach seann bhodach liath, agus chuir e ’na shuidhe anns a’ chathair mhòir e: thug e piob ’s tombaca dha, agus cuach uisge, ach leig am bodach leo tuiteam air an urlar. “A dhuine bhochd,” ars’ Iain, “tha ’m fuachd ort.” Chaidh Iain ’na shìneadh ’san leabaidh, ’s dh’ fhag e ’m bodach ga gharadh ri taobh a’ ghealbhain; ach mu ghairm choileach dh’ fhalbh e. Thainig an duin’-uasal gu math moch ’s a’ mhaduinn. “Dé ’n tàmh a fhuair thu, Iain?” “Tàmh math,” ars’ Iain; “cha b’e t’ athair am fear a chuireadh eagal ormsa.” “Ro mhath, Iain; gheibh thu da cheud punnd, agus luidh a nochd ’s a’ chaisteal.” “’S mise an duin’ a ni sin,” thuirt Iain: agus air an oidhche so b’e ’leithid cheudna. Thainig triùir mhnathan ruadh, ’s ciste duine mhairbh aca eadar iad. Thilg iad suas i ri taobh na teallaich, ’s thug iad na buinn asda. Dh’ eirich Iain, ’s le sàil a choise bhrist e ceann na ciste, ’s shlaod e aisde an seann duine liath, agus mar a rinn e an oidhche roimhe, chuir e ’s a’ chathair mhoir e. Thug e dha piob ’s tombaca, ’s leig e leò tuiteam. “A dhuine bhochd,” ars’ Iain, “tha fuachd ort.” Thug e ’n so cuach làn dibhe dha, ’s leig e le so tuiteam cuideachd. Dh’ fhalbh am bodach, mar a rinn e ’n oidhche roimhe. “Ach,” ars’ Iain ris fhein, “ma dh’ fhanas mis’ an so a nochd, agus gun d’ thig thusa, paighidh tusa mo phiob ’s mo thombaca ’s mo chuach dibhe.” Thainig an duin’-uasal gle mhoch ’sa mhaduinn, ’s dh’ fhaighneachd e, “Dé ’n tàmh a fhuair thu ’n raoir, Iain?” “Tàmh math,” ars’ Iain; “cha b’e ’m bodach liath t’ athair a chuireadh eagal ormsa.” “Ach,” ars’ an duin’-uasal, “ma dh’ fhanas tu ’nochd, gheibh thu tri cheud punnd.” “’S bargan e,” ars’ Iain. Nuair a bha e tacain do ’n oidhche, thainig ceathrar do mhnathan ruadha, ’s ciste duine mhairbh aca eadar iad, ’s leig iad sud sios ri taobh Iain. Dh’ eirich Iain, ’s tharruinn e ’chas, ’s chuir e ’n ceann as a chiste, ’s tharruinn e mach an seann duine liath, ’s chuir e ’s a chathair mhoir e. Shìn e dha piob ’s tombaca, an corn ’s an deoch, ach leig an seann duine leò tuiteam, ’s bhristeadh iad. Ach thubhairt Iain, “Mu ’m falbh thusa ’nochd, paighidh tu dhomhsa na bhrist thu.” Ach facal cha d’ thainig á ceann a bhodaich. Ghabh Iain an so crios abharsgaic, agus cheangail e ’m bodach ri ’chliathaich, ’s thug e leis a laidhe e. Nuair a ghoir an coileach fraoich dh’ iarr am bodach air a leigeil as. “Paigh na bhrist thu ’n toiseach,” ars’ Iain. “Innsidh mise dhuit dé ni thu,” ars’ an seann duine. “Tha seilear dibhe shios fodham anns am bheil pailteas dibhe, tombaca ’s pioban: tha seomar beag eile laimh ris an t-seilear, anns am bheil coire làn òir, agus fo starsnaich an doruis mhoir tha crogan làn airgid. Chunnaic thu na mnathan ud a thainig leamsa ’nochd.” “Chunnaic,” ars’ Iain. “Sin agad ceathrar mhnathan bho ’n d’ thug mise na mairt, agus iad na ’n éigin; tha iad a falbh leamsa a h-uile h-oidhche mar so ga m’ phianadh; ach falbh thusa agus innis do m’ mhac mar tha mis’ air mo shàrachadh; falbhadh esan agus paigheadh e na mairt, agus na biodh e trom air a’ bhochd. Faodaidh tu fhéin agus esan an t-òr ’s an t-airgiod a roinn eadaruibh, agus pòs fhéin mo sheann nighean; ach cuimhnich, thoir pailteas òir do na tha ’làthair do na bochdan air an robh mise ro chruaidh, agus gheibh mise fois gu saoghal nan saoghal.” Thainig an duin’-uasal, agus dh’ innis Iain dha mar a dh’ innis mise dhutsa; ach cha phòsadh Iain seann nighean a’ bhodaich liath. An ceann latha na dha cha ’n fhanadh Iain ni b’ fhaide. Lion e phòcaidean làn do dh’ òr, ’s dh’ iarr e air an duin’-uasal pailteas òir a thoirt do na bochdan. Rainig e ’n tigh, ach bha e ’gabhail fadail aig an tigh, agus b’ fhearr leis a bhi air ais ’san reiseamaid. Thog e air latha do na laithean, ’s rainig e ’n cnoc a bha os ceann a bhaile, bho ’n d’ fhalbh e. Ach co thainig g’a ionnsuidh ach an Donas! “Hoth! hoth! Iain, phill thu.” “Hoth! ort fhein,” ars’ Iain, “phill. Co thusa?” “’S mis’ an Donas—am fear do ’n d’thug thusa thu fhein, nuair a bha thu ’n so mu dheireadh.” “Ai! ai!” ars’ Iain, “’s fhada bho na chuala mi iomradh ort, ach cha ’n fhaca mi riamh roimhe thu. ’S ann a tha spleùmas air mo shùilean; cha chreid mi gur tu th’ ann idir; ach dean nathair dhiot fhéin agus creididh mi thu.” Rinn an Donas so. “Dean a nis leomhan beuchdach dhiot fhéin.” Rinn an Donas so. “Cuir a nis smugaidean teine seachd mile as do dheigh agus seachd mile romhad.” Rinn an Donas so. “Bho na tha mi gu bhi na m’ ghill’ agad, thig a steach na m’ abarsgaic, agus giulainidh mis’ thu; ach cha ’n fhaod thu tighinn a mach gus an iarr mise, ar neo tha ’m bargan briste.” Gheall an Donas, ’s rinn e so. “Nis,” ars’ Iain, “tha mise dol a dh’ fhaicinn brathair dhomh a tha ’san reiseamaid, ach fan thusa sàmhach.” Chaidh Iain an so a stigh do ’n bhaile, agus ghlaodh fear thall ’s fear a bhos, “So Iain an desertair!” Chaidh beireachd air Iain ’s mòd a chuir air, agus ’s e bh’ ann gu ’n robh e gu bhi air a chrochadh mu mheadhon-latha ’maireach; agus cha do dh’ iarr Iain do dh’ fhàbhar ach e bhi air a thilgeil le peileir. Thubhairt an còirneal, bho ’n is e seann saighdear a bh’ ann, agus e anns an arm cho fada gum faigheadh e ’iarrius. An la-iar-na-mhaireach, nuair a bha Iain gu bhi air a thilgeil ’s na saighdearan ceithir chuairt thimchioll air, thuirt an Donas: “Dé sud a tha iad ag ràdh? Leig mise ’nam measg ’s cha ’n fhada bhios mi ’gan sgapadh.” “Cuist! cuist!” ars’ Iain. “Dé sin a tha bruidhinn riut?” ars’ an còirneal. “O! cha ’n ’eil ach luch bhàn,” ars’ Iain. “Bàn na dubh i,” ars’ an còirneal, “na leig thus’ as an abarsgaic i, ’s gheibh thu litir fhuasglaidh, ’s na faiceam tuilleadh thu.” Dh’ fhalbh Iain, agus am beul na h-oidhche chaidh e stigh do shabhal far an robh dà fhear dheug a bualadh. “O! ’illean,” ars’ Iain, “so dhuibh mo sheann abarsgaic, ’s thugaibh greis bhualaidh oirre; tha i cho cruaidh, ’s gu bheil i toirt a chraicinn dheth mo dhruim.” Thug iad cho maith ri dà uair an uaireadair air an abarsgaic, leis an dà shùisd dheug, gus mu dheireadh na h-uile buille a bheireadh iad dhith, leumadh i gu mullach an t-sabhail, ’s bha i tilgeil fear air a dhruim an dràsta ’s a rithist dheth na bualadairean. Nuair a chunnaic iad so dh’ iarr iad air a bhi muigh á sud, e fhein ’s abarsgaic; cha chreideadh iad fhein nach robh an Donas innte. Dh’ fhalbh e ’n sin air a thurus, ’s chaidh e steach do cheardaich, far an robh da ghobha dheug a bualadh nan òrd mora. “So dhuibh, ’illean, seann abarsgaic, ’s bheir mi dhuibh lethchrùn, ’s thugaibh greis oirre leis an dà òrd mhor dheug; tha i cho cruaidh, ’s gu bheil i toirt a chraicinn dheth mo dhruim.” [TD 27] [Vol. 10. No. 4. p. 3] Ach ge bha aoibhinn, b’e na gobhainnan; bu mhaith an spors dhaibh abarsgaic an t-saighdear, ach na h-uile sgailc a bha i faotainn, bha i leum gu mullach na ceardaich. “Gabh a mach á so thu fhein ’s ise,” ars’ iadsan, “bho ’n cha chreid sinn fhein nach ’eil am Braman innte.” Dh’ fhalbh Iain air aghaidh mar so, ’s an Donas air a dhruim! ’s rainig e fuirneis mhor a bha ’sin. “C’àit a nis am bheil thu dol, Iain,” ars’ an Donas. “Foighidinn beag, ’s chi thu sin,” ars’ Iain. “Leig as mi,” ars’ an Donas, “’s cha chuir mi dragh ort ’s an t-saoghal so.” “No ’san ath fhear?” ars’ Iain. “Seadh!” ars’ an Donas. “Stad, mata,” ars’ Iain, “gus am faigh thu smoc”—’s le so a ràdh, thilg Iain an abarsgaic ’s an Donas an teis meadhoin na fuirneis, ’s chaidh e fhein ’s an fhuirneis ’na lasair uaine anns na speuran.—Seann Sgeulachd. Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. V. BHEIR am mi-fhortan oirnn ar dleasdanas a dhi-chuimhneachadh gu math tric. An àite taing a thoirt do Dhia air son meud an fhàbhair a nochd e dhomh, cha d’ rinn mi ach mo shuilean a thogail suas gu neamh agus teannadh ri gearain a chionn gu ’n robh mo bheatha air a caomhnadh dhomh. An aite bhith ’caoidh na bean-choimhideachd ’s an ard-chomhairlich, is ann a bha farmad agam riutha chionn gu ’n d’ thainig crioch air an trioblaidean anns an t-saoghal so. Agus leis mar a bha m’ inntinn fo bhuaireas le smaointeanan eagalach, chuir mi romham gu’n tilginn mi fhin do ’n chuan. An uair a bha mi ’dol g’a dheanamh so, chuala mi fuaim chasan each agus bruidhinn dhaoine air mo chulaobh. Thug mi suil thar mo ghuaille feuch co bh’ ann, agus chunnaic mi caochladh mharcaichean fo ’n cuid armaibh, agus ’nam measg bha aon fhear a bha marcachd air each Arabianach. Bha ’n t-eideadh anns an robh e air a dheanamh maiseach le snath airgid, bha ’n crios a bha m’ a mheadhain lan de chlachan luachmhor, agus bha crun de ’n or air a cheann. Ged nach d’ thugadh an t-eideadh riomhach a bha uime orm a chreidsinn gu ’m b’ e am fear a b’ airde dreuchd a bh’ anns a’ chuideachd, dh’ fhaodainn aithneachadh air a choltas agus air a ghluasad. Bha e ’na dhuin’ og a bha anabarrach dreachar, deas, dealbhach. Ghabh e ioghnadh an uair a chunnaic e mise ’nam onar anns an ait’ ud, agus chuir e feadhain dhe na h-oifigich far an robh mi a dh’ fheorach co mi. B’e an fhreagairt a thug mi orra teannadh ri caoineadh. O’n a bha ’n cladach lan fiodha, thuig iad gu’n do bhristeadh long, agus gu ’m bu mhise aon de na bha air bord innte. Thug araon na smaointean so, agus an staid bhronach anns an robh mi, orra gu’n robh toil mhor aca fiosrachadh fhaotainn mu m’ dheidhinn. Thoisich iad ri feorach moran cheisdean dhiom, agus ri innseadh dhomh gu’n robh an righ anabarrach iochdar, caoimhneil, agus gu ’m faighinn comh-fhurtachd mhor anns an luchairt aige. Bha toil mhor aig an righ fios fhaotainn co mi, agus o ’n a bha e ’gabhail fadachd nach robh na h-oifigich a’ tilleadh le fios g’ a ionnsuidh, thainig e fhein far an robh mi. Bheachdnaich e orm gu math dluth, agus an uair a chunnaic e nach robh mi ’sgur de bhron ’s de shileadh dheur, agus nach robh mi ’toirt freagairt sam bith do na ceisdean a bha na h-oifigich a’ cur orm, thuirt e riutha gun iad a bhith cur dragh orm na b’ fhaide; agus labhair e rium mar so: “A bhaintighearna tha mi ’guidhe ort gu ’n cuir thu stamhnadh air do throm bhron. Ged a leagadh corruich neamh ort, leis a’ chruaidh fhortan a thainig ’nad rathad, cha choir dhut tuiteam ann an eu-dochas. Tha mi ’guidhe ort gu ’n gabh thu misneach. Tha am fortan, a bha gus a so ’g ad sharuchadh, gle neo sheasmhach, agus is docha gu ’n tig atharrachadh air cuisean gun dail. Theid mise am bannadh dhut, ma tha e comasach do mhi fhortan aotromachadh, gu ’m faigh thu an t-aotromachadh so nam rioghachd-sa. Is e do bheatha fuireach anns an luchairt agamsa, Bidh tu ’fuireach comhladh ris a’ bhanrigh mo mhathair, agus feuchaidh i ris gach toileachadh a thoirt dhut. Cha ’n ’eil fhios agam fhathast co thu; ach tha mi ’faireachadh gu ’m bheil mi mar tha a’ gabhail suim agus curam dhiot.” Thug mi taing do ’n righ og air son a mhaitheis dhomh, agus ghabh mi gu toileach an tairgse a thug e dhomh. Agus gus a dhearbhadh dha nach robh mi neo-airidh air an urram a bha e ’cur orm, dh’ innis mi dha co mi. Thug mi dha cunntas mhion air mar a chuir an Sarasenach m’ athair gu bas, agus mar a b’ eigin dhomhsa teicheadh le mo bheatha. Bhrosnaich na dh’ innis mi dhaibh araon an righ agus na h-oifigich gus an tuilleadh truais a ghabhail dhiom. An uair a chuir mi crioch air na bh’ agam ri innseadh, thoisich an righ a rithist ri bruidhinn, agus thug e gach dearbhadh dhomh gu ’n d’ rinn am mi-fhortan troimh ’n deachaidh mi drughadh trom air. An sin thug e do ’n luchairt mi, agus chuir e ann an lathair a mhathar mi. B’ fheudar dhomh mion-chunntas a thoirt dhise mar an ceudna mu gach mi-fhortan troimh ’n deachaidh mi, agus shil mi deoir gu leor am feadh ’s a bha mi ’g a innseadh dhi. Thuig a’ bhanrigh mo shuidheachadh trioblaideach, agus dh’ fhas i gle mhiadhail orm. Air an laimh eile, thuit an righ ann an gaol anabarrach trom orm, agus ann an uine ghoirid chuir e tairgse posaidh mu m’ choinneamh. Bha mi cho mor air mo lionadh le smaointeanan mu dheidhinn gach mi-fhortan a thainig ’nam rathad ’s nach do ghabh mi uiread de thlachd dhe ’n righ ’s a dh’ fhaodainn aig am eile, ged a bha e ’na dhuine, maiseach tlachdar anns gach doigh. Ach air a shon sin, bha mo thaingealachd cho mor dha ’s gu ’n d’ aontaich mi a phosadh, agus rinneadh banais mhor, eibhinn, aighearrach dhuinn. Am feadh ’s a bha aire an t-sluaigh air a togail le greadhnachas na bainnse, thainig righ a bh’ anns a’ choimhearsnachd le armailt mhor do ’n eilean gun fhios air an oidhche. B’ e so an righ a bh’ air Sangubar. Fhuair e buaidh air armailt an righ. Fhuair e steach do ’n luchairt; ach chaidh againne air teicheadh gun fhios dha, agus chaidh sin air bord ann an bat’ iasgaich a thachair a bhith aig an am dluth air tir. Bha sinn fad da latha a’ seoladh astar math o’n eilean, agus gun fhios againn gu ro mhath ciod an taobh air an tugamaid ar n-aghaidh. Air an treas latha thug sinn an aire do luing agus i fo lan sheol. Thug so toileachadh mor dhuinn: oir bha sinn an duil gur e soitheach marsantachd a bh’ ann, agus gu ’n tugadh iad air bord sinn. Ach an uair a thainig sinn dluth gu leor dhi, ciod a b’ iongantaiche leinn na da fhear dheug fhaicinn air bord fo ’n lan armaibh. Leum coignear no shianar dhiubh air bord a’ bhata. Rug iad ormsa agus air an righ, agus an uair a cheangail iad sinn, thug iad gu bord na luinge sinn, agus ghrad thug iad dhiomsa an srol a bh’ air m’ aghaidh. An uair a chunnaic iad gu’n robh mi og dreachar, ghabh iad uile tlachd dhiom. An aite croinn a chur feuch co aige bhithinn, bha h-uile fear dhiubh a’ cumail am mach gur ann aige fhein a bha coir orm. Mu deireadh thall dh’ fhas an connsachadh cho teith ’s cho teann ’s gu ’n do tharruinn iad na claidhnean, agus chathaich iad mar gu ’m biodh daoine a bhiodh air an dearg chaoch. Ann an uine ghoirid bha clar-uachdar na luinge comhdaichte le fuil agus le cuirp mharbha. Mharbhadh a h-uile fear dhiubh ach aon fhear. Thuirt an fear so rium: “Is leamsa thu nis, agus tha mi gus do thoirt gu ruige Cairo gu caraid do ’n gheall mi searbhanta bhriagha. “Ach,” ars’ esan agus e ’g amharc air an righ, “co am fhear a tha sid? Ciod an daimh a th’ aige riut? An e daimh fala, no bann graidh a tha eadraibh?” “Mo thighearna,” fhreagair mise, “is e m’ fhear-posda ’th’ ann.” “Ma tha sin mar sin,” ars’ esan, “feumaidh mi truas a ghabhail dheth agus a chur gu bas, oir bhiodh e ’na amhghair ro mhor dha thusa fhaicinn ann an gairdeanan mo charaid.” An uair a thuirt e so, rug e air an righ, agus thilg e e, agus e ceangailte, leis a’ chliathaich, a dh’ aindeoin gach guidhe agus asluchadh a rinn mi air a bheatha leigeadh leis. An uair a chunnaic mi m’ fhear-posda ’g a thilgeadh leis a’ chliathaich, thug mi glaodh eagalach asam, agus bha mi air mi fhein a thilgeadh do ’n fhairge mur b’ e gu ’n do chum an seoladair greim orm. Thuig e gu math ciod a bha ’nam bheachd a dheanamh, agus an uair a cheangail e gu teann ris a’ chrann mi, thog e na siuil, agus sheol e gu tir. An uair a rainig sinn tir, dh’ fhuasgail e mi, agus dh’ fhalbh e leam gus an d’ rainig sinn baile beag. Cheannaich e camhail, agus buithean, agus seirbhisich, agus dh’ fhalbh e leam gu ruige Cairo gus mo thoirt dha charaid mar a gheall e. (Ri leantuinn.) BRIATHRAN GLIOCAIS. Tha cuid de dhaoine ann agus ni nach urrainn iad fein a dheanamh, bidh iad dhe’n bharail nach urrainn neach sam bith eile. Tha e tric a’ tachairt gur h-e am fear is mò a ni ghearain air a’ bhiadh a’s mò a dh’ itheas dheth. Cha’n eil ni air an t-saoghal a’s usa fhaotainn na coire, ma theid duine ga h-iarraidh. Is e bhi dìreadh bhruthaichean nach d’ rainig ’s nach ruig iad a tha deanamh sheann daoine de chuid romh ’n àm. Tha moran dhaoin’ ann nach eil a tuigsinn ciamar a fhuair an saoghal air adhart mu’n d’ thainig iad fein ann, agus cha ’n eil fhios aca gu dé dh’ eireas dha idir nuair a thig orra fhalbh as. NA ’M BU GHILLE OG MI Bhithinn modhail ris na h-uile neach. Cha leiginn le gille sam bith eile dhol air thoiseach orm ann an ionnsachadh. Cha bhithinn an cuideachd ghillean a chluinninn uair sam bith a cleachdadh droch cainnt. Dh’ fheuchainn ri meas dhaoine chosnadh le bhi siobhalta, caoimhneil ris na h-uile. Cha bhiodh nàire orm an ni a bhiodh ceart a dheanamh an àite sam bith. Agus cha deanainn ni sam bith nach bithinn toileach fhios a bhi aig daoin’ eile gu ’n d’ rinn mi e. Ars ise, ’si gabhail fadachd nach robh e falbh:—“Gu de ’n t-astar a tha an t-àit agad as a so?” Ars esan, ’se gun ghuth air gluasad, “Tha faisg air da mhile.” “Agus,” ars ise, “na ’m falbhadh tu air dràsda, saoil gu de ’n ùine bheireadh tu a ruigheachd?” [TD 28] [Vol. 10. No. 4. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IULAIDH 26, 1901. Tha dòchas againn gu’m bi na ceistean a bha air an cur anns an da àireamh mu dheireadh agus anns an àireamh so dhe’n MHAC-TALLA air am freagairt leotha-san a tha comasach air freagairt a thoirt daibh. Tha sinn a meas gu’m biodh ceistean agus freagairtean mar so ’nan ni gle thaitneach anns a’ phaipeir, agus gu’m biodh moran fiosrachaidh agus eòlais air a thoirt seachad anns an dòigh so. Neach sam bith, ma ta, aig am bheil ceist ri faoighneachd, no is urrainn ceist a theid fhaoighneachd a fhreagairt, gheibh a cheist no fhreagairt àite gu toileach. Bho’n thainig an àireamh mu dheireadh dhe’n MHIC-TALLA mach thainig agus dh’ fhalbh Morair Minto, ard-riaghladair Chanada. Rainig e Sidni oidhche Di-luain, agus aig aon uair deug maduinn Di-mairt thainig e fhéin ’sa Bhan-mhorair ’san cuideachd air tir, agus an deigh cuairt a chur air a’ bhaile bha iad air an toirt do’n rink, far an robh òraid fhàilteachaidh air a leughadh dhaibh ’s air a freagirt leis a mhorair. An deigh meadhon-latha bha cuairt air a chur an an obair-iarruinn. Maduinn Di ciaduin chaidh a’ chuideachd do Louisburg, a taghal ann an Glace Bay air an tilleadh. Aig Sidni bha trein ’gam feitheamh a ghiulain iad gu Port Hawkesbury far an deach iad air bord na Minto, an soitheach a thug a nuas iad, agus á sin chaidh iad gu Halifacs. Bha am morair ’sa bhanmhorair anabarrach toilichte le bòidhchead nàdarra Cheap Breatunn. Air an tighinn ’s ann troimh lochan a Bhras d’ Oir a thainig iad, agus chòrd an sealladh anabarrach math riutha. Chaochail bean Phòil Chrugair ann am Pretoria Di-sathairne s’a chaidh. Cha robh i tinn ach tri latha. Bha i tri fichead us seachd bliadhna dh’ aois. Tha Crugar fhéin anns an Olaint, agus cha d’ fhuair e sgeul a bàis gu feasgar na Sàbaid. Nuair a dh’ fhalbh e féin á Africa mu Dheas, dh’ fhàg e ise ann am Pretoria, agus o’n chaidh am baile sin a ghlacadh o chionn còrr agus bliadhna bha i air chùram nam Breatunnach “Bha i ’na mnaoi mhath,” ars esan, ’s e sileadh nan deur, air dha fios mu ’bàs fhaotainn. “Cha deachaidh sinn bhar a chéile riamh ach aon uair,—mu shia miosan an deigh dhuinn pòsadh.” Bha e ùine mhor an deigh dha sgeul a bàis fhaotainn ag ùrnaigh, agus an sin chaidil e ’s am Biobull ri taobh a leapa. Ged nach eil gradh sam bith aig daoine do Chrugar, no meas air ’obair ann an Africa mu Dheas, cha ’n urrainn iad gun truas a ghabhail ris fhéin ’s ri mhnaoi, air an sgaradh o cheile ’nan seann aois, agus ise caochladh am measg choigreach ris am bheil esan fhathast a feuchainn ri strith cogaidh a chumail suas. Beagan bhliadhnaichean air ais bha strike mhor anns na h-obraichean iaruinn am Breatunn. Aig an àm sin cha robh trioblaid sam bith anns na h-obraichean iaruinn ’sna Staidean, agus chaidh moran dhe’n obair a b’ àbhaist a bhi air a dheanamh ann am Breatunn a dh’ ionnsaidh nan Geancach. Air an t-samhradh so tha car eile ’sa chùis; tha strike mhor anns na Stàidean, am feadh a tha ’n obair a dol air adhart gu riaghailteach ann am Breatunn, agus tha e ro choltach gu’m fuiling obraichean iaruinn nan Stàidean an aon chall a dh’ fhuiling na h-obraichean Breatunnach a’ bhliadhna roimhe, agus gu’m buannaich na Breatunnaich na chaill iad. Mionnan a’ Chrunaidh. Tha e air a shuidheachadh gu’m bi an Rìgh air a chrunadh anns an òg-mhios an ath bliadhna, agus aig an am sin bidh e gabhail bòidean sonruichte air féin gu h-àraidh a thaobh aidmheil a chreidimh. Chuireadh facail nam mionnan so ri chéile o cheann còrr is dà cheud bliadhna ’nuair a bha Righ Tealach an Dara ’na rìgh. Bha briathran ro làidir air an cleachdadh a thaobh beachdan nan Caitliceach air sacramaid, suipeir an Tighearna. Bha e air a chumail a mach gu ’n robh na beachdan ud iodhal-aorach.Tha na Caitlicich an diugh maille ri moran anns na h-eaglaisean eile a’ cur ’an aghaidh nam facal ud; agus chuireadh còmhlan air leth a dheanamh atharrachadh orra. Bidh dòigh ùr mionnan a’ chrunaidh a’ ruith mar so: “Tha mise, A. B., a tha le gràs Dé, ’nam Righ (no na’m Bhanrigh) air Breatunn Mòr agus Eirinn, Fear-Dìon a’ Chreidimh, ag aideachadh, a’ dearbhadh agus a’ cur an céill, gu sòluimte agus gu h-ionraic gu’m bheil mi a’ creidsinn nach ’eil cruth-atharrachadh air bith a’ tighinn air eileamaidean an arain agus an fhion gu corp agus fuil Chriost ann an Sacramaid Suipeir an Tighearna aig no an déigh an coisrigeadh le pearsa ’sam bith. Agus tha mi a’ creidsinn gu’m bheil guidhe no aoradh do’n Oighe Muire na do Naomh ’sam bith eile agus ìobairt aifrionn mar tha iad sin air an cleachdadh ann an Eaglais na Roimh an aghaidh a’ Chreidimh Phrothastanaich. Agus tha mi gu sòluimte, ann an làthair Dhé, ag aideachadh, a’ dearbhadh agus a’ cur an céill gu’m bheil mi a’ toirt na bòid anns gach cuid di saor o theagamh.” LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR,—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,980.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 29] [Vol. 10. No. 4. p. 5] Naigheachdan. Shil frasan mora uisge air an eilein so maduinn Dì-luain s’a chaidh agus oidhche Di-ciaduin. Ni an t-uisge sin feum mor do’n dùthaich. Bha an talamh roimhe sin anabarrach tioram, agus bha e gle chunnartach gu’ m biodh am feur ’s am bàrr air a mhilleadh leis an teas. Chaidh muileann fudair ann a Windsor an Cuebec a sheideadh suas dha na speuran an la romhe. Fhuair sradag theine air doigh eigin a dhol dh’an fhudar. Bha aon duine air a mharbhadh agus dithis eile air an leonadh, fear dhiubh cho dona ’s nach eil duil ri e bhi fada beo. Chaidh mile each a chur air falbh á Montreal do Africa mu Dheas air an t-seachdain sa chaidh. Tha iad ri bha air an cur dh’an arm nuair a ruigeas iad thall. Tha cogadh nam Boereach anabarrach trom air na h-eich. Tha an duthaich cho garbh ’s an t-side cho doirbh ’s gu bheil aireamh mhor dhuibh a’ basachadh gach seachdain. Tha teas anabarrach ann o chionn da sheachdain, teas nach eilear a faireachadh a leithid anns an duthaich so ach uair ainneamh. Tha ’n tiormachd gun teagamh a fagail an teas nas motha na bhitheadh e na ’n robh an tuisge ann na bu trice. Is abhaist teas mor a bhi ann an àm an iuchair, ach ma bhios na tha ri tighinn coltach ris na thainig bidh iuchar na bliadhna so ainmeil. Tha strike mhor air tòiseachadh anns na h-obraichean-iaruinn anns na Staidean. Thatar a’ meas gu ’m bi ceud gu leth mile duine ’nan tàmh an ùine ghoirid. Tha iadsan a tha seasamh a nach ag iarraidh còir air an turasdal a dheanamh do na tha de dhaoine timchioll nan obraichean, co-dhiubh tha iad de ’n comunn fhéin no nach eil. Cuiridh na h-obraichean iarruinn a bhi ’nan tàmh call mor air muinntir nan Staidean air fad; tha e ro-choltach gu’m bi iad nan tàmh ùine mhor, oir cha’n eil taobh seach taobh toileach géilleadh. ’Nuair a bha Morair Minto air a chuairt an Ceap Breatunn air an t-seachdain so, cha deach e an rathad Shidni Tuath idir, agus chuir e mar sin corruich nach bu bheag air muinntir a bhaile sin. Chuir e mar an ceudna corruich mhor aig muinntir Louisburg. Chaidh e dh’ an bhaile sin a shealltuinn seann làraichean nan daighnachdan Frangach, ach cha d’rinn e òraid éisdeachd o luchd-riaghlaidh a bhaile no gnothuch a ghabhail riutha ann an doigh sam bith. Bha iad an deigh gach ullachadh a dheanamh air son fàilte chridheil a chur air, ach nuair a shaoil iad nach gabhadh e riutha, dh’ atharraich iad am barail air, agus ’nuair a rainig an trein aige cala ’n rathaid-iaruinn, cha d’ thainig ad bhar ceann duine dhe na bha cruinn, agus cha deachaidh facal fàilteachaidh a labhairt ris. Tha muinntir Louisburg a’ meas gu bheil iad cho airidh air beagan fhacal fhaotainn o ard-riaghladair an dùthcha ri muinntir bhailtean eile, agus ma tha e fior gu ’n do dhiùlt e sin a thoirt daibh, cha ’n eil e ’na ioghnadh sam bith iad a bhi diombach dheth. Cha ’n eil e ro-ghlic do fhear inbhesan an àm a bhi cur cuairt air a dhùthaich cuid de na bailtean a sheachnadh gu buileach, agus a dhol troimh chuid eile dhiubh gun cothrom a thoirt do ’n t-sluagh ’fhàilteachadh mar fhear-ionaid an Rìgh. Tha an fhactoridh thombaca a bha anns a’ bhaile so o chionn dha no tri bhliadhnaichean, air a dunadh. Tha i ri bhi air a fosgladh ann an Pictou, far an robh i mu’n d’thainig i do Shidni. Tha am bàrr cruithneachd anabarrach coltach ann am Manitoba. Ma leanas an t-side cho fabharrach sa tha i gu àm na buana, tha daoine dhe ’n bharail gu’n giulain moran dhe’n fhearann cho ard ri da fhichead buiseal an t-acaire. Bidh a’ bhuain a’ toiseachadh mu’n deicheamh latha de dh’ Ogust. Tha Diuc agus Bandiuc York gu bhi ann am baile Halifacs air an naodhamh latha deug de dh’ October. Tha seorsa de dhochas aig cuid an taobh so gu’n tig a chuideachd rioghail do bhaile ’n iaruinn, ach ma tha rompa sin a dheanamh cha do leig iad fios uapa fhathast. Se ’s docha nach taghail iad ann an Ceap Breatunn idir. Nuair a thaghail Morair Minto aig Glace Bay chaidh a thoirt dh’ ionnsaidh an ait anns am bheil tigh-eiridinn ur nan Caitliceach ri bhi air a thogail agus thionndaidh e a cheud phloc air an laraich. Tha an obair air an taigh-eiridinn sin ri toiseachadh gun dail. Bidh e ’na thogalach briagha; tha e air a dheagh shuidheachadh, agus cosgaidh e mu dheich mile fichead dolair nuair a bhios e criochnaichte. Tha aireamh de mhinistearan oga Cleireach a mhuinntir an eilein so aig an àm so air chuairt samhraidh an tir am breith ’san araich. Na’m measg faodair ainmeachadh na h-Urramaich a leanas: Uilleam A. Moireasdan, aig am bheil paraisde Gaidhealach ann an Granitville, Vermont; Domhull C. Mac Leoid, Washington; A. D. MacFhionghain, Boston; Iain B. Mac Fhionghain, Dalhousie Mills, Ontario; agus Alasdair S. Mac Neill, Orwell, E. P. I. Tha iad so uile nan searmonaichean Gailig agus tha gach aon dhiubh ga cleachdadh gach Sàbaid, ach a mhàin Mac Leoid, a tha ann an baile mor Washington, anns an eaglais anns an robh an Dotair Talmage na mhinistear aireamh bhliadhnaichean. An t-Iasgach ’sa Ghaidhealtachd. (Oban Times). Aig dithis do na h-aitean sonruichte far am bheil moran bhàtan a’ giulan air aghaidh an iasgaich bha soirbheachadh riaraichte a’ leantuinn oidhirp nan iasgairean. Bha e air iomradh aig Steornobhaigh air Di-sathuirne, Iun 16, gu’n d’ fhuaradh mar thoradh saothair na seachduin tri mile, tri cheud, tri fichead ’s a tri cran, a’ deanamh ochd mile fichead, ceithir cheud tri fichead, ’s a coig deug cran o thoiseach an iasgaich. Tha so corr is da mhile ni ’s motha na bha air a chunntadh aig an aon am an uiridh. Fhuaradh a’ chuid is mo do sgadan na seachduin anns a’ Chuan-sgi far am bheil an t-iasg a réir coslais gu coitcheann. Bha an t-iasgach gle mhath mar an ceudna aig Stromness far am d’ rinneadh 17,000 cran gu deireadh na seachduin, a bha fada air thoiseach air na fhuaradh o cheann bliadhna na dha. Aig Barra fhuair iad o thoiseach an iasgaich gu deireadh na seachduin cheudna corr is aon mhile deug cran, mile ni ’s motha na fhuaradh aig aon àm an uiridh. Chaidh na h-iasgairean so a mach astair mhor anns a’ chuan siar agus siar-thuath, o she deug gu deich thar fhichead mile. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 30] [Vol. 10. No. 4. p. 6] Canain agus Cliu ar Sinnsearan. [Oraid a bha air a labhairt aig ceud cruinneachadh Chlann Domhnuill aig baile Alexandria, siorramachd Ghlinne-Garraidh, le Alasdair Friseal, Toronto.] A shair riaghladair, agus a mhnathan ’sa dhaoin’-uaisle: Tha mi ’ga mheas mar aon de na sochairean a’s mo a bhuilich mo luchd-duthcha an Canada orm fhathast cuireadh fhaotainn a bhi comhladh ribh an so an diugh, aig a cho-chruinneachadh mhor, eireachdail so do Chomunn Chlann Domhnuill. Cha’n urrainn mi a chur an ceill duibh, ann am briathran freagarach, an toilinntinn a tha e a toirt dhomh a bhi maille ri ’m luchd-duthcha an so aig ceud chruinneachadh bliadhnail a chomuinn so, ’sa bhi ’g amharc air gnuis aoidheal Ghaidheal Ghlinne-Garraidh, muinntir a tha ainmeil mar fhior Ghaidheil air feadh na tire so fein agus air feadh Gaidhealtachd na h-Alba. Fodh thearman Chlann Domhnuill tha’n domhlachadh sluaigh ag coinneachadh an diugh, agus ma tha aon de na fineachan Gaidhealach thar aon eile a choisinn cliu ann an Canada, is i fine nan Domhnullach. Ach, mar thuirt am bard—“Is braithrean sinn uile, far dhomhsa do lamh,”—tha sinn a’n so mar Ghaidheil, ’s gu sonraichte mar Ghaidheil Ghlinne-Garraidh, gu bhi ’g earralachadh ’s gu bhi ’brosnachadh cach a cheile, gu bhi cumail suas gnàthan, cleachdaidhean agus cliu ar sinnsearan—gu h-araidh an cliu. Sheilbhich sinn mar shluagh dileaban do-luachmhor bho ar n-athraichean—creideamh, treibhdhireas, ionracas, dilseachd, maise nadair, baigh, beusalachd, fiadhlaidheachd, agus iomadh buaidh eile, agus is e an soitheach oir anns am bheil na subhailcean sin taisgte suas, teangaidh ghlan, mhilis ar n-athraichean. B’ e la muladach, mi-chiatach do na Gaidheil a bhiodh ann, na’m faigheadh a Ghaidhlig bas:—la dubh, bronach, anns an rachadh an tiodhlac is priseile a fhuair sinn bho ar mathraichean ’s ar n-athraichean seachad gu brath. Mo luchd-duthcha,—tha mi fa ’r comhair an diugh le da theachdaireachd mhoir—air an aon laimh, cumaibh beo canain ar mathar; air an laimh eile, cumaibh suas cliu ar sinnsearean. ’Nuair a theasdas a Ghaidhlig tuitidh coran gloirmhor a Ghaidheil o a cheann; dubhar a mach bonn-chomharradh ar sluaigh o chlar-eachdraidh an t-saoghail; cuiridh an crann giuthais a mach a mheanglan, agus fosglaidh am fraoch a dhitheanan gucagach, dheirg-ghil air beanntaibh na h-Alba, mar bu nos—cha chaochail iadsan oir ta iad a’ leantainn gnathais shiorraidh nadair; ach, mo thruaighe! cha bhi an giuthas ’s an la mhuladach sin tuille mar shuaicheantas aig Clann Ailpein, no ’m fraoch tuille mar shuaicheantas aig Clann Domhnuill, oir a dh’ easbhaidh an canain aosda sin a “labhair Adhamh ann am Paras fein” c’aite ’m biodh clanna nan Gaidheal? Cha bhiodh iad air am faotainn air feadh cinnich an t-saoghail. Nach eil dearbhadh againn air a so ’n ar tir fein? Air da thaobh abhainn mhor St. Lawrence, fodh bhaile Chuibec, tha Domhnullaich Frisealaich, geugan de Chlann Mhic Illebhraighe, Mhic-an-Toisich, Mhic-Coinnich, Mhic Illeathain, Rothaich, agus Rosaich, agus muinntir air an sloinneadh air clanna Gaidhealach eile; ginealaich nan Gaidheal a thainig do Chanada mu cheud gu leth bliadhna roimhe so. Tha na h-ainmean ann an sin, ach an iad Gaidheil a tha ’g an giulain? Leoire cha ’n iad, ach muinntir a thionndain gu bhi nam Frangaich, ’nan canain, ’nan cleachdaidhean agus ’nan cridheachan! Cha’n eil fada o’n thuirt an t-Uasal Iain Ros, neach a bha a reir beachd iomadh seanachaidh ’na oighre air Iarlachd Rois, gu’m bu mho leis a bhi ’na bhall Parlamaid Frangaich a’n Canada, na ged a bhiodh e ’na mhorair mor am measg Ghaidheal Alba. Mar sin tha smaointean iomadh fear a tha air a thruailleadh le gradh an t-saoghail, agus cha’n eil dol as bho’n cho-dhunadh so gur ann mar sin a bhitheas deireadh ar gineal-ne, ’n uair a chromas a Ghaidhlig a ceann aosda, urramach, liath, ’sa bheir i suas an deo. Cha ’n fhag i ’n a deigh sluagh ris an abrar na Gaidheil; oir bithidh na ginealaichean a leanas sinn air an slugadh suas ann an cuan marbhteach di-chuimhne an t-saoghail. Ach, an eigin d’a sin tachairt? A bheil cor na Gaidhlig cho cruaidh, mi-dhochasach ri so? Tha e duilich na ceisdean sin a fhreagairt. Na ’n eireadh na Gaidheil mar bu choir doibh cha bhiodh teagamh ’sa chuis. Tha e fathasd ’n an lamhan fein buaidh mhath a thoirt mu ’n cuairt. A bheil sinne, a bheil na Gaidheil air fad, a’ deanamh na dh’ fhaodadh iad, ’s na bu choir dhoibh ’s a chuis? Feumar aideachadh le bron, le dubh-bhron nach eil. Ann an iomadh teaghlach cha’n eil a bheag sam bith air a dheanadh gu bhi faotainn eolas air a Ghaidhlig. Nach narach an ni so? An iongantach ged a bhiodh feaghainn againn air ar cradh mu ’n chul-shleamhnachadh so? Tha mi guidhe oirbh cluas fhosgailte a thabhairt do na briathran so, agus aithreachas a ghabhail mu’m bi e ro anmoch. Tha mi ’sgaoileadh bratach bhuadhail na Gaidhlig a mach fa’r comhair air an lath’ an diugh; tha mi tilgeadh a srolaichean fosgailte air a ghaoth; tha mi ’cur mar fhiachan oirbh, a dhaoine ’s a mhnathan Ghlinne-Garaidh,—clann nan sonn, ginealach nan daoine iomraiteach o’n d’thainig sibh! nach gabh sibh fois, ’s nach failnich sibh, gus an giulain sibh a bhratach so gu buaidh mhaireannach steidheachail, shiorraidh! Am bi e ri innseadh gu’n d’fhagadh do Ghaidheil ar lath-ne an coir-bhreith a reic airson airgiod? airson fois shiochail an t-saoghail? airson oir eucoireach nam marsantan? no gu’n do bhrathadh REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A. W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Stor Ur! Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. [TD 31] [Vol. 10. No. 4. p. 7] an cainnt an los sgeig an t-Sasunnaich? An ni beag e dhuinne a bhi cho mi-dhleasdanach ri so? A chlann nan Gaidheil! thoireamaid an deagh aire nach coisinn sinn a bhi ’nar cuis-mhagaidh, ’s nar cuis-naire do na ginealaich a thig ’n ar deigh. Bitheamaid dileas d’ar canain an diugh, foghlamaid i d’ar clann agus thugamaid sios dhoibhs i mar a fhuair sinn fein i, glan neo-thruaillte, bho’r n-athraichean. Facal na dha, a nis mu chliu ar sinnsre. Cha’n ann mu Chonn Cheud-chathach no mu Cholla, no mu Shomhairle, no mu na baird, no mu na fir-chogaidh threun a bhuineadh do Chlann Domhnuill a bu mhiann leam labhairt aig an am so. Tha an eachdraidh-san sgriobhta ann am bardachd ar tir, ’s bithidh eolas orra fhad ’s a labhras agus a leughas daoine a Ghaidhlig. Ach aig cridhe na siorramachd Gaidhealach so, far a bheil mi am sheasamh an diugh, bu mhath leam labhairt air ar n-athraichean ’s ar màthraichean a thuinnich ann an Canada. B’e saighdearan Gaidhealach a choisinn Canada do chrun Bhreatainn, ann an 1759. Dhion claidheamhan Gaidhealach an tir ann an 1812, ’s a rithisd ann an 1837, 1866, agus ann an 1884. Cha’n eil seargadh air gaisge ar luchd-duthcha; tha iad ’nam fir chogaidh mar bu dual. Ach mar thuirt am bard: “Cha bu ghaisgeach Alasdair Mor, No Cæsar thug an Ròimh gu géill. “Ach ’s gaisgeach esan a bheir buaidh Air eagal beatha, ’s uamhunn bàis, ’S a chomh’laicheas le misnich cridh, Na h-uile ni a ta dha ’n dàn.” Ged is cliuiteach eachdraidh ar saighdearan, tha e ro iomchaidh gu ’m biodh sinn a’ cur urram air na daoine a dh’ fhag an dachaidhean ’sa Ghaidhealtachd ’sa thainig a steach do ’n choille dhùmhail, dhorch, ann an Canada, ’sa dh’ fhosgail an duthaich so do’n t-saoghail. Is beag gur urrain duinne a thuigsinn meud na h-oibre a ghabh iad os laimh, ann a bhi reiteachadh an fhearainn agus a steidheachadh ’na duthcha air bunachair a sheasas troimh na linntean. Bu chruaidh suidheachadh na mor chuid diubh; cha robh aileas nan dachaidhean, cha robh riomhachais mu’n cuairt daibh. Ach bha cridheachan misneachail nan com, bha an gairdeanan laidir, bha dochas a stiuireadh an ceuman agus cha b’eagal gu’n geilleadh na laoich. Tha an saothair follaiseach an so an diugh. Thugaibh fainear na raointean trom, toirbheartach leis a bheil sinn air ar cuairteachadh—fearainn cho briagh ’s air a bheil grian trocaireach an Fhreasdail a leigeadh a gathanaibh blath; ’s iad sin na raointean, ’s iad sin na dachaidhean a dh’fhag bhur n-athraichean dhuibhse gu ’n seilbheachadh. Is tric a tha sibh seinn orain na seann duthcha: mu’ n “Eilean Mhuileach, an t-eilean àgh’or, An t-eilean grianach, mu ’n iadh an sàile.” Agus orain air “Eilean uaine Ile,” “Ile ’n fheoir,” “far an biodh na h-uaislean còir,” etc. Cha ’n fhaca sibh Lochabar feurach, no Gaidhealtachd na h-Alba riamh. B’ ann an sin a rugadh mise, agus gu la mo bhais cha chrion mo ghradh do thir mo bhreith ’s mo shinnsre. “Is toigh leam a Ghaidhealtachd, is toigh leam gach gleann, Gach eas agus coire an dùthaich nam beann.” Ach ged is fior da rireadh sin, tha mi ag innse dhuibhse an so, an diugh, nach fhaca mi riamh, an Albainn no’n Sasunn, machraichean ni ’s briagha, ni ’s beartaiche, ni ’s tarbhaiche, ni ’s sgiamhaiche na na machraichean a bhuinig bhur n-athraichean a mach as na lointean, ’sna coilltean, ’sa dh’ fhag iad agaibhse mar sheilbh. Cumaibh ma ta suas an cuimhneachan ’san ainm, ’san cliu. Togaibh carn-cuimhne ann bhur cridheachan air an sgath; agus biodh an euchdan air an sgriobhadh ann an eachdraidh na tire. Leanaibh gu dlu ’n an ceumanaibh, aidichibh gur ann bhuatha a thainig sibh ’s gur priosail leibh an cliu. An da ni so—Cliu agus Cànain ar sluaigh—na tigeadh an la anns am bi iad air an cur air chul. “Is toigh leam a Ghàilig, a bàrdachd ’s a ceòl, Is tric thug i nios sinn ’nuair bhiomaid fo leòn: ’S i dh’ ionnsaich sinn tràth ann an làithean ar n-òig’, ’S nach treig sinn gu bràth gus an laidh sinn fo ’n fhòid.” CEISDEAN. Bidh mi fada n’ ur comain ma bheir sibh oisean dhe ’n MHAC-TALLA do na ceisdean so. Am bheil an sluagh cho lionmhor an diugh ann an Uidhist mu Thuath ’s a bha iad o chionn leth-cheud no tri fichead bliadhna air ais, nuair a thainig àireamh dhiubh do ’n dùthaich so? Am bheil muinntir an eilnea sin cho math no na ’s fhearr air an dòigh an diugh na bha iad an uair sin? Agus a bheil riaghladh an eilean aig maor ’s aig bàillidh fhathast mar a bha e anns an àm a chaidh seachad? Ma dh’ fhaodte gu bheil leughadair aig MAC-TALLA ann an Uidhist fhéin a fhreagras na ceisdean so. Co-dhiu bidh duil agam ri freagairt fhaicinn na do phaipear an ùine gun bhi fada. EILEANACH. Freagairt do ’n Oigear Aineolach. Faodaidh sibh aithris ann am MAC-TALLA gu faca mise an Solus Ur agus a ghrian aig an aon àm ’s an àird an ear, ’s mi air “Rathad Charribou Marsh,” faisg air Sidni, aon mhaduinn ’s an òg-mhios, ’sa bhliadhna 1872. Ged a tha e car doirbh innse ciamar a tha so a tachairt, agus ged is ann fior ainneamh a tha e ri fhaicinn, cha’n eil e na ni iongantach idir. Cha’n eil e ri fhaicinn aig àm sam bith dhe’n bhliadhna ach am mios Iun no Iulaidh, agus air a cheud no air a’ cheathramh mu dheireadh dhe’n t-Solus, agus trath ’sa mhaduinn, mar is trice beagan an deigh éiridh na gréine. Cha ghabh e faicinn aig àm sam bith an iar air Ceap Breatunn. D. H. DOMHNULLACH, M. D. Welsford, N. B. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 32] [Vol. 10. No. 4. p. 8] Am Bruadar. LE DUGHALL BUCHANAN. Air bhith dhomhsa ann am shuain A’ bruadar diamhain mar tha càch, Bhi glacadh sonais o gach ni; Is e ga ’m dhìbreadh anns gach àit. Air leam gun tainig neach am chòir, ’S gu ’n dubh’rt e rium, “Gur gòrach mi, Bhi smuainteach greim a ghlei’dh do ’n ghaoith, No fos gu ’n lion an saogh’l mo chri’. Is diamhain dut bhi ’g iarraidh sàimh ’N aon ni no ’n àit’ air bith fo ’n ghréin; Cha chlos do d’ chorp an taobh so ’n uaigh, No t-anam ’n taobh so shuaimhneas Dé. An trath dh’ ith Adhamh a’ meas an tùs, Am peacadh dhrùigh e air gach nì: Lion e na h-uile ni le saoth’r, Is dh’ fhàg e ’n saogh’l na bhriste crì’. Air sonas’anma chaill e chòir, Mar ris gach sòlas bh’ ann ’sa ghàr’; O sin ta ’shliochd nan deoiribh truagh, Mar uan a mearachd air a mhàth’r. Ri meilich chruaidh ta ’d ruith gach ni, ’An duil gu ’m faigh an inntinn clos; Ach dhaibh tha ’n saogh’l gun iochd no truas, Mar mhuime coimheich fhuair gun tlùs. Mar sin tha iad gun fhois no tàmh, Ga ’n sàrach’ glacadh faileas bréig; ’S a’ deoth’l toil-inntinn o gach ni, Is iad mar chìochan seasg nam béul. Bidh teanndachd eigin ort am feasd, ’S do dhòchas faicinn fuasgladh t’ fheum, An còmhnuidh dhut mar fhad do làimh; Ach gu brath cha ’n fhaigh dheth greim. Cha teagaisg t’ fheuchainn ’s dearbhadh thu, O dhuil is earbsa chuir ’sa bhréig, A rinn do mhealladh mìle uair, ’S cho fada bhuat an diugh ’san dé. An ni bu mho do ’n tug thu miann, Nach d’ fhag a mhealtuinn riamh e searbh? Tha tuille sonais ann an dùil, Na th’ ann an crùn le bhi na sheilbh. Ceart mar an ròs a ta ’sa ghàr’, Crion seargaidh bhlàth ’nuair theid a bhuain; Mu ’n gann a ghlacas tu e d’ làimh, Grad tréigidh fhàileadh e ’sa shnuadh. Cha ’n ’eil neach o thrioblaid saor, Am measg a’ chinne-daoin’ air fad, ’S co lionmhor osna aig an righ, Is aig an neach is ìsle staid. Tha ’smùdan fein os ceann gach fòid, Is dòruinn ceangailt’ ris gach math; Tha ’n ròs a fàs air drisean geur, ’S an taic’ a cheil tha mhil san gath. Ged fhaic thu neach ’an saibhreas mor, Na meas a shòlas bhi thar chàch: An tobar ’s gloine chi do shùil, Tha ghrùid na iochdar gabhail tàmh. ’S ma chuireas t-anail e ’na ghluais, Le tarruinn chabhaig suas a’ d’ bhéul, Dùisgidh an ruaghan dearg a nìos, ’S le gaineamh lionaidh e do dhéud. ’S ged fhaic thu neach ’an inbhe aird, Tha e mar nead am bàrr na craoibh; Gach stoirm a bagra’ thilgeadh nuas, Is e air luasgadh leis gach gaoith. An neach is fearr tha’n saogh’l a riar, Tha fiaradh eiginn ann ’na staid, Nach dean a sheoltachd a’s a strì Am feast a dhìreachadh air fad. Mar bhata fiar an aghaidh cheil, A ta o shuidheach’ fein do-chur; A reir mar dhireas tu a bharr, ’S cho cinnteach ni thu cam a bhun. Na h-Iudhaich thionail beag no mor Do ’n Mhana dhoirteadh orra ’nuas; ’N tra chuir gach neach a chuid ’s a chlàr, Cha robh air bàrr no dadum uaith. Mar sin a ta gach sonas saogh’lt A ta thu faotainn an a d’ làimh, Fa chomhair saibhreas ’s inbhe cùirt, Tha caitheamh, cùram agus cràdh. Ged chàrn thu òr a’ d’ shlige suas, Fa chomhair fàsaidh ’n luaith da réir, Is ged a chuir thu innte riogh’chd, A mheidh cha dirich i na déigh. Tha cuibhrionn iomchuidh aig gach neach, ’S ged tha thu meas gur tuille b’ fhearr; Cha d’ thoir an t-anabharr th’ ann an sud, Am feasd an cudthrom a’s a’ chradh; O iomluas t-inntinn tha do phian A’ diulta’ ’n diugh na dh’ iarr thu ’n dé; Cha chomasach an saogh’l do riar, Le t-anamianna ’n aghaidh chéil. Na ’m faigheadh toil na feol a run, D’a mianna brùideil dh’ iarradh sàth; Flaitheas a b’ aird’ cha ’n iarradh i, Na annta sud bhi siorruidh ’snàmh. Ach ged a b’ ionmhuinn leis a fheòil, Air talamh còmhnachadh gach ré, Bhiodh dùrachd t-ardain agus t-uaill Cho àrd a shuas ri cathair Dhé. Ach nam b’ àill leat sonas buan, Do shlighe tabhair suas do Dhia Le dùrachd, creideamh agus gràdh, Is sàsaichidh e t-uile mhiann. Tha ’n cuideachd sud gach ni san t-saogh’l, Tha ’n comas dhaoine shealbhach’ fior: Tha biadh, a’s eudach agus slàint, Is saorsa, càirdeas, agus sith.” An sin do mhosgail as mo shuain, Is dh’ fhàg mo bhruadar mi air fad; Ghrad leig mi dhiom bhi ruith gach sgàil, Is dh’ fhàs mi toilichte le m’ staid. Teagasg Righ Artair. Laidh agus eirich air do làimh dheis, Na dean féisd ach sàth; Dean comhairle le do ghaol. ’S na bi ’d aonar ’n aghaidh chàich. ’S mairg a bhiodh gun chomhairleach ’N uair bhiodh neach ’na aonar; Air d’ uaisle na dean ro-chuimhne, Ged thigeadh dhuit a dheanadh. Na bi cruaidh a’s na bi bog, Na tréig do charaid air do chuid; A mhic-cridhe na dean trod, ’S na ob e ma ’s éiginn duit. Na h-ob sìth ’s na seachainn cogadh, Na h-arguin ann an cill ri d’ bheò; Na dean gniomh teann as do theangaidh, Na can foill ’s na geall gleò. Na h-aithris na chitear leat, ’S gur beag an diùbhail ’bhi ’d thosd; Eisd ri còmhradh dhaoine glic, Tuig agus abair gu beag. Na bi briathrach an tigh an òil, ’S labhair gu fòil ri sean fhear; Na abair nach tiùbhradh tu còir, Na h-ob a’s na h-iarr onair. Na bi seilgeach air sràid, Na bi gealtach ’s an ruaig; Na bi ’d bharantas am bréig, Leig i gu féilidh bhuait. Na pòs bean as a sgèimh, ’S gun fhios dhuit ciod e a lochd; Na miannaich i ged bhios i dearg, ’S gur seirbhe bias na canrunn chon. Tha da fhichead us coig factoridh-chàise ag obair air Eilean a’ Phrionnsa air an t-samhradh so, agus seachd factoridhean-ime. Tha roinn mhor dhe’n chàise air a chur a null do Bhreatunn. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ceannachd Posta. Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu....... Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 33] [Vol. 10. No. 5. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 2, 1901. No. 5. Facal do na Nigheannan Oga. LITIR V. THA e air a ràdh gur e bhith glan an ni a’s fhaisge do bhith diadhaidh. Tha facal Dhé a’ teagasg so dhuinn. Ann an lagh Mhaois chi sinn gu robh sparradh teann air a thoirt do ’n t-sluagh leis an Tighearna iad a bhith glan. Bha Taigh an Tighearna ri bhith glan; bha sagartan an Tighearna ri bhith glan; bha ìobairtean an Tighearna ri bhith glan; agus bha sluagh an Tighearna, eadar bheag is mhor, shean is òg, ri bhith glan. Nis, ged nach biodh facal an Tighearna ag iarraidh oirnn a bhith glan, tha ar n-iarraidh againn fhéin. Tha tùr nàduir a’ teagasg dhuinn a bhith glan. Tha luchd-sgil an t-saoghail ag iarraidh air na h-uile bhith glan. Tha toileachas inntinn ro mhor anns a’ ghlaine, gu h-àraidh dhaibhsan aig am bheil tlachd anns a’ ghlaine. Ach, ged a tha e ’na aobhar bròin a bhith ’ga innseadh, tha cuid de nigheannan òga anns an dùthaich aig nach ’eil tlachd sam bith ann a bhith glan. Bu cho math leò car sam bith eile ri boiseag de ’n uisge fhuar a chur air an aodainn anns a’ mhaduinn, no sgriob de ’n chìr a thoirt air an cinn chrasgach, ghreannach. Tha cuid ann agus cha ghlan iad ceann, no cas, no lamh gus am bi iad a’ deanamh deiseil ga falbh o’n taigh. Co ach iadsan an uair a thachras iad orm ’nan làn-eideadh a’ falbh gu banais, no gu féill, no gu comhdhail de ’n t-seorsa! A’ cheud shealladh a bheir sibh orra saoilidh sibh nach ’eil ni ’s grinne ’s ni ’s glaine na iad eadar Taigh Iain Ghròt agus Maol Chinntire. Ach an uair a bheachdaicheas sibh car tiotaidh orra aithnichidh sibh nach ’eil e mar chleachdadh aca ’bhith ’gan cumail fhéin glan. Ged a bhiodh na cinn aca air an cìreadh ’s air an slìobadh gus am biodh iad cho sleamhuinn ri botul an àm dhaibh a bhith measg cuideachd, aithnichidh duine beachdaidh sam bith orra nach ’eil e mar chleachdadh aca bhith cìreadh an cinn. Thachair nigheann òg rium o chionn ghoirid ann an àite no dha, agus bha i anabarrach sgiobalta, glan, ar leam. Rug mi air laimh oirre, agus bhruidhinn mi rithe a h-uile uair a thachair i rium. Ach thaghail mi latha anns an taigh aca mu thri uairean feasgar, agus an uair a thainig i dh’ fhosgladh an doruis cha d’ aithnich mi i. Bha i cho neo-sgiobalta ’s cho salach o bhonn gu bathais ’s gu faodainn m’ fhacal a thoirt nach deachdaidh tonn air a gnùis no sgrìob de ’n chìr air a ceann fad seachdain. Nan robh i trang ag obair ghabhainn a lethsgeul; ach an uair a shuidh mi ’s a chitsinn thuig mi nach robh car aice ri ’dheanamh bu chabhagaiche na garadh a cas ris an teine! Cha ’n e mhàin gu robh ’n taigh salach, ach bha e mar an ceudna mar gu ’m fàgadh am muir làn e. Cha b’ urrainn domh gun a bhith ’smaointean gu ’m b’ e chulaidh-thruais am fear a gheibheadh i. Thachair dhomh a bhi geamhradh ann an Glasacho, agus bha mi fhéin agus dithis ghillean òga fuireach ann an taigh ciatach, air aon de na sràidean a’s glaine th’ anns a’ bhaile. Ged nach robh aig bean-an-taighe, ’s aig a dithis nigheann, ’s aig an t-searbhanta ach am biadh a dheasachadh ’s an taigh a chumail glan, bha ’n seòmar anns an robh sinn a suidhe iomadh uair cho salach ’s gu ’m biodh na gillean òga bha maille rium a’ sgriobhadh an ainmeannan air mullach a’ phiano, air a bhord-taoibh, agus air na h-uinneagan. Choisinn an obair ud diumbadh gu leor do na gillean; ach ’s iad a bha coma. Nis, a nigheannan, thugaibh ’ur ceart aire nach bi sibh coltach ris a’ mhuinntir air an d’ thug mi iomradh. Bithibh glan oirbh fhéin. Tha dealachadh mor eadar a bhith riomhach agus a bhith glan. Mar is miosa bhur n-aodach ’s ann is glaine ’s coir dhuibhse sibh fhéin a chumail. Cumaibh na taighean anns am bheil sibh a’ gabhail còmhnuidh cho glan ’s is urrainn sibh. Bithibh glan an uair a bhios sibh a fuinneadh, ’s a’ cur a’ bhidh thun a’ bhuird; bhithibh glan an uair a bhios sibh a’ bleodhan a’ chruidh, ’s a’ deanamh an ime ’s a’ chàise. Tha ’n t-uisge pailt ’s tha ’n siapunn saor. ’S e ’n t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh ceart. Ma ’s math leibh na fir a bhith gaolach oirbh an uair a phòsas sibh, bithibh glan ’n ’ur cridhe, ’s bithibh glan ’n ’ur dòigh. Bithibh glan air sgath na glaine, agus ge b’e uair no àm de ’n latha anns an d’ thig coigreach no fear-eòlais thun nan taighean agaibh, cha ’n eagal nach bi ’n taigh glan gu leor. Air na chunnaic sibh riamh na deanaibh an ni a chunnaic mi gu leor a’ deanamh. Cha bhiodh guth aca air an taigh a ghlanadh gus am faiceadh iad coigreach a’ tighinn thun an taighe. Ghrad thòisicheadh sguabadh, agus an uair a rachadh an coigreach a steach ’s gann a b’ urrainn e ’shùilean fhosgladh le stur ’s le luathaidh. Is mi bhur caraid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XI. BHA ’n t-Innseanach mor, a fhuair a chuipeadh o Aonghas, a nis cho math ’s a bha e riamh, agus ged a chaidh Aonghas uair na dha far an robh e a leigeil fhaicinn nach robh fuath sam bith aige dha, ’s ann a thionndaidh e dhruim ris an uair a chitheadh e tighinn e, a leigeil fhaicinn gu soilleir gun robh esan a cumail beirm ’sa ghamhlas a bha e ag altrum, agus nach robh bhuaithe ach an cothrom air son a nimh a chur an gniomh. Air aon oidhche an déis dhaibh campachadh, air do na gillean a bhith bruidhinn air gabhail mu thàmh, thainig an t-Innseanach òg, Ni Math, far an robh iad, agus chuir e nam faireachadh iad. Thuigeadh iad a cheile nis meadhonach math, agus dh’ innis e dhaibh gun cual’ e air an fheasgar ud fhéin, ’s gun iadsan’ga fhaicinn, am Mathan Mogach agus companach a deanamh suas gun gabhadh iad cothrom an oidhch’ ud, o’n a bhiodh i gu math dorcha, air crioch a chur air na daoine geala gràineil an uair a bhiodh iad nan cadal, agus an uair a bhiodh an gniomh oillteil sin seachad, gun teicheadh iad mu ’n tigeadh a mhaduinn thun na nàmhaid. “Fàg thusa an gnothuch agamsa,” arsa Calum, “oir tha fios agad fhéin nach bi rìgh sam bith gun gheard, na gun chomhairlichean. Leig thusa eadar mise agus na laoich, ’s gheibh iad fàilte chur orra ’chuireas ioghnadh orra.” Dh’ aontaich Aonghas a chuis fhagail an lamhan Chalum air chumhnant ’s nach marbhadh e na trusdair, ged a thoill iad e. Bha e ’smaointean nach robh fhios dé gun tigeadh e na ’m marbhteadh iad. Tha meas mor aig na h-Innseanaich air am mairbh, agus theid iad tromh iomadh gàbhadh agus cunnart air son an adhlacadh maille ri ’n athraichean. Mar sin bha eagal air, ged a bha iad fo mhor mheas aig an treubh a nis, gun rachadh am fuath a bh’ aca da ’n co-bhràithrean adhlacadh maille riutha, nan tachradh dhaibhsan na thoill iad a dheanamh orra, agus gun dùisgeadh e naimhdeas dhaibh ’s iad nan coigrich. Ach bha e riaraichte gu leor le deisealachd Chalum, agus b’e so e: Thachair gun robh fiadh marbh anns a champ, a mharbhadh car anamoch—cho anamoch ’s gun robh e gun ghlanadh fhathast. Fhuair Calum an sgamhan aige le saothair, agus an déis tomhas math fùdair a chur ’s a ghunna, lion e suas e le sgamhan an fhéidh. “B’ fhearr leam gun deanadh na lunndairean cabhag,” arsa Calum; “tha mi gus a bhith leis a chadal. An cluinn thu iad, Aonghais?” “Uist!” ars’ Aonghas Donn gu beag. “An cual’ thu sid?” Bha iad greis ag éisdeachd, agus chual’ iad a nis gu soilleir geug a bristeadh fo chois dlùth dhaibh. Chunnaic iad an sin cumadh an da mhortair a tarruinn dlùth gu fàilidh. Bha iad a nis cho faisg ri còig na sia shlatan dha na gillean. Dh’ éirich iad nan seasamh dìreach, ’s am broillichean mora, dubha rùisgte. Bha toman beag preaslaich eadar iad ’s càch, ’s mar sin cha robh iad ga ’m faicinn fhathast. Ghabh Calum cuimse mhath, ’s cha robh sin doirbh, ’s loisg e barailte am fear ris na broillichean aca. Sin far an robh ’n ràn oillteil air dha na fir tuiteam; dhùisgeadh e na mairbh—dhùisg e an campa co-dhiù. Ann an tiota bha iad air an cuartachadh le càch, ’s iad a suathadh an sùilean, a fuadach a chadail. Chaidh teine mor fhadadh faisg air an fheadhainn a bha na ’n sìneadh, a dh’ fhàg an t-àite cho soilleir ris an latha. An uair a fhuaras sealladh math air na laoich, bha iad, ma b’ fhior iad fhéin, anns na mionaidean deireannach. Cha robh uair a chuireadh an t-Innseanach mor a làmh suas air a chom, agus a gheibheadh e ’fheòl fhein, mar a bha e ’n duil, na plàsd mu ’bhroilleach, nach leigeadh e nuallan ùr as, a’ sgaineadh na creagan; ’s cha b’e ’m fear eile b’ fhearr, air dha e-fhéin fhaicinn le solus an teine. Dh’ éirich Calum ’s ghabh e null gu stòlda far an robh na fir a bha tinn, ’s dh’ innis e do na bha mu ’n cuairt gun robh e dol a leigheas nan gaisgeach a bh’ air an leon. B’e cheud char a rinn e, ’s a nis a h-uile sùil air, ’éideadh-uachdair a chaitheamh dheth. Fhuair e an sin da mhaide, ’s rinn e crois orra air an làr, ’s le aogas cho stòlda ri breitheamh, thòisich e air dannsa ’chlaidheamh gu sùnndach, ’s b’ aithne dha sin a dheanamh, ’s e aig a cheart àm a feadaireachd a [TD 34] [Vol. 10. No. 5. p. 2] phuirt. An uair a bha sin seachad, chrom e ’cheann da uair an taobh an robh na daoine ’bha gus a bhith aig a bhàs. Thòisich e an uair sin air a dhol ma chuairt orra, ’s e gabhail rannan á dàin Oisein, le guth mi-thalmhaidh. Chaidh e an sin air a ghlùin ri ’n taobh, ’s thruis e leis sgamhan an fhéidh, ’s le dornan feoir, a chuir e ma chuairt tri uairean os cionn a chinn, shuath agus shliob e gu math iad. Rug e air laimh orra, ’s thog e nan seasamh iad, agus miorbhailt nam miorbhailt! bha iad cho slàn, fallain ’s a bha iad riamh. Thog iad orra, ’s dh’ fhalbh iad le chéile, ’s an cinn gu math crom, ’s chaidh iad á sealladh ’san dorchadas, ’s cha ’n fhaca na Gàidheil sealladh tuilleadh dhiubh fhad ’sa bha iad an cuideachd na treubh. Fhad ’sa bha Calum ris na gnothaichean a dh’ ainmicheadh, bha Aonghas a cumail air a ghàire cho math ’s a dh’ fhaodadh e, ged a bha fior thoil aige ’chronachadh, rud a rinn e ’nuair a fhuair e greim air a phlàigh, ’s cha robh sin furasda. Chruinnich na h-Innseanaich ma chuairt da, agus e air éirigh nam meas ceithir fillte. Cha b’ fhiach na dotairean acasan an ainmeachadh ’san aon latha ri Calum. Thairg iad dha ’s a mhionaid a bhith na àrd-lighiche nam measg, agus nan togradh e ghabhadh iad e an àite Chitchee Manito fhéin. Ach air eagal am mealladh dh’ innis e fhéin agus Aonghas do chuid dhiubh mar a rinn iad, agus mar an robh spòrs an sin. Cuid air nach tainig fiamh gàire riamh, theab nach sguireadh iad, ’s a mac-talla ’g am freagairt anns gach craoibh. Fad a chòrr do ’n oidhche chluinnteadh plubadaich iongantach an drasda ’s a rithist an taobh an robh an seann cheann-feadhna, an Clamhan Buidhe, na shìneadh na leabaidh ghuirm. Bha iad a cumail a dol mar so iomadh seachdain, ’s iomadh uair dh’ fhanadh iad seachdain ’s uairean da sheachdain far an tachradh àite math, taitneach riutha, anns am biodh sealg pailt. Ràinig iad mu dheireadh an fhoghair an dùthaich fhéin, agus ann an gleannan uaigneach, fasgach, rinn iad tàmh. Bha e na àite fasgach, fiadhaich gu leor, far an rachadh aig beagan dhaoine air reiseamaid a chumail a muigh gun stri. Bha iomadh làrach bothain anns a ghleann, far an do chuir an sinnsreadh agus cuid dhiubh fhéin seachad iomadh geamhradh cruaidh. Rinn iadsan mar an ceudna air son cruadhs a gheamhraidh a chur seachad ann, agus chaidh iad a dh’ obair gun dàil, a togail bhothan ùra ’s a deanamh suas seann fheadhainn. Cha robh a chlachaireachd ach meadhonach, ged a bha taghadh na cloiche aca, agus fiodh gu leor anns a choille thiugh a bha cuartachadh na cùil anns an robh iad. “Tha na togalaichean aognaidh so,” arsa Calum, “a toirt na m’ chuimhne na clachaireachd a rinn Coinneach grogach air an stàbull. Bha e cho fada na bharail fhéin ’s nach iarradh ’s nach gabhadh e comhairle air duine sam bith an àm tòiseachadh, ’s bha bhlàth ’sa bhuil. An latha bha am balla ullamh aige, bha moit mhor air, agus chaidh e stigh a dh’ iarraidh na mnatha air son a mholadh maille ris. Sheas iad astar air falbh ag amharc saothair Choinnich, oir bha fios aige gur ann air fàireadh fhéin a b’ fhearr sealladh air. Bha Coinneach gu h-ealanta cur dheth, uair air a ghlùin ’sa shùil dùinte, ’s uair na sheasamh ’sa cheann air fhiaradh a tarruinn aire na mnatha thun a sid ’sa so, a bha e fhéin a smaointean a bha os cionn a chumantais. Thòisich a bhean air moladh obair Choinnich air son a thoileachadh, ach mu ’n robh i reidh rinn i casad, ’san cnatan orra ’san àm, ’s aig a cheart mhionaid thuit am balla na fru-fra am broinn a cheile. Thionndaidh Coinneach gu cas ris a mhnaoi—‘Siuthad a nis,’ ars’ esan, ‘dean casad eile ’s leag an taigh!’” B’e cheud obair a rinn na gillean bothan beag, sgiobalta ’chur suas dhaibh fhéin, a bha moran na bu ghrinne na saothair chàich. Bha Calum gle choimhlionta air an obair so, agus le sheòladh fhéin agus Aonghais bha taighean nan Innseanach moran na b’ fhearr na b’ àbhaist dhaibh air choinneamh dùdhlachd a gheamhraidh, a tha uamhasach anns a chearn ud dhe ’n t-saoghal. Tha am facal, “Gheibh am màireach rud dha fhéin,” gle fhreagarrach am measg nan daoine so, oir cha ’n ’eil iad a sealltainn rompa na ’s fhaide na mhionaid tha làthair. Ach air an earalas chomhairlich an righ ùr agus Calum iad tòiseachadh ri cur ma seach, an uair a bha am baile deas, pàirt do dh’ fheòl a chruidh fhiadhaich, rud a bha furasda gu leor a dheanamh, o’n a bha reothadh cruaidh a nis a riaghladh na tìre. (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. VI BHA sinn aireamh laithean air an rathad. An de, an uair a bha sinn a’ dol tromh ’n chomhnard so, chunnaic sinn an duine dubh a bha ’fuireach anns a’ chaisteal so. An uair a bha e astar math uainn, shaoileamaid gur e tur a bh’ ann, agus an uair a thainig e dluth dhuinn bu ghann a chreideamaid gur e duine ’bh’ ann. Thug e tarruinn air claidheamh a bha anabarrach mor, agus thuirt e ris an t-seoladair gu’m feumadh e striochdadh dha, agus mise agus na seirbhisich a libhrigeadh dha. Bha ’n seoladair ’na dhuine laidir treun, misneachail; agus o’n a bha na seirbhisich gu leir deas gu seasamh air a thaobh, chuir e an duine dubh gu ’dhulan, agus dh’ fheuch iad ri chur gu bas. Thug iad uine mhath air cath: ach mu dheireadh mharbh an duine dubh an seoladair, agus na seirbhisich mar an ceudna, oir b’ fhearr leotha am bas fhulang na geill a thoirt dha. Thug an duine dubh leis mise do ’n chaisteal, agus thug e corp an t seoladair leis mar an ceudna, agus dh’ ith e air a shuipear e an oidhch’ ud fhein. An deigh dha an t-suipear neo-ghnathach ud a ghabhail, an uair a chunnaic e gu ’n robh mise sior chaoineadh, thuirt e rium: “A bhean uasal og, bi ’g ad dheanamh fhein deiseil gus gach riarachadh a thoirt dhomhsa. Is e a’s glice dhut gu mor na bhith ’caoidh agus a’ tuiream air an doigh sin. Faiceam gu ’n gabh thu comhfhurtachd an deigh na thainig de mhi-fhoran ’na do rathad, agus biodh aoibhneas gu leor ort a chionn gu ’m bheil thu gus a bhith ’cur do bheatha seachad ’nam chuideachdsa.” An uair a thuirt e so, thug e do sheomar mi, agus an uair a dhruid e dorsan a’ chaisteil chaidh e laidhe d’ a sheomar fhein. Air an ath mhaduinn dh’ fhosgail e na dorsan, agus air dha luchd-turuis fhaicinn a’ dol troimh ’n chomhnard, dhuin e iad agus dh’ fhalbh e air toir an luchd-turuis. Ach feumaidh gu ’n do tharr iad as, o ’n a bha e ’tilleadh air ais ’na onar an uair a thug thusa ionnsuidh air.” Cho luath ’s a chuir a’ bhana-phrionnsa crioch air na bh’ aice ri innseadh, thuirt Codadad rithe gu ’n do chuir na dh’ innis i dha dragh mor air an inntinn aige, agus gu ’n robh truas gu leor aige rithe an deigh na thainig de mhi-fhortan ’na rathad. “Ach a’ bhaintighearna,” ars’ esan, “is ann agad fhein a bhios a’ choire mur caith thu na tha romhad dho do bheatha gu socrach, seimheil. Tha mic righ Harrain a’ tairgseadh ionad tearmuinn dhut ann an luchairt an athar; ma ’s e do thoil e, gabh an tairgse. Bheir an righ dhut gach ni saoghalta a bhios a dhith ort, agus gheibh thu am meas agus an cliu air am bheil thu dligheach o gach aon ’s an luchairt. Agus mur cuir thu ann an suarachas gradh an fhir a thug do shaorsa dhut, ceadaich dhomhsa mi fhin a thairgseadh dhut, agus tha mi toileach do phosadh ann an lathair nam prionnsachan so. Bidh iad mar fhianuisean aig a’ phosadh. Thug a’ bhana-phrionnsa a h-aonta gu ’m posadh i Codadad; agus air an latha sin fhein, phos iad anns a’ chaisteal, far an robh biadh agus deoch gu leor air son na bainnse. Bha anabarr de gach seorsa bidh, agus dibhe, agus mheasan aig an duine dhubh anns a’ caisteal gus a bhith aige ’ga itheadh an uair a dh’ fhasadh e sgith de dh’ itheadh feoil dhaoine. Agus bha pailteas dhe gach seorsa fiona anns a’ chaisteal mar an ceudna. Shuidh iad uile aig a’ bhord; agus an deigh dhaibh pailteas de ’n bhiadh agus de ’n deoch a ghabhail, thug iad leotha ’n corr, agus dh’ fhalbh iad gus a dhol gu ruige ’n luchairt aig righ Harran. Bha iad aireamh laithean air an t-slighe, agus bha iad a’ leigeadh an analach agus a’ cur seachad na h-oidhche anns gach aite bu taitniche na cheile a bha ’tachairt riutha. An uair a bha iad mu astar latha o ’n luchairt aige righ Harrain, stad iad a leigeadh an analach. Dh’ ol iad a’ chuid mu dheireadh de ’n fhion a bh’ aca; oir cha robh caomhnadh ac’ air o ’n a bha iad cinnteach gu ’n ruigeadh iad an luchairt mu ’n tuiteadh an oidhche. Labhair Codadad mar so ris a’ chuideachd gu leir: “A phrionnsachan, chum mi tuilleadh is fad’ an cleith oirbh co mi. Is mi bhur brathair Codadad. Tha righ Harrain na athair dhomhsa cho math ’s a tha e dhuibhse. Is i a’ bhana-phrionnsa Pirouse is mathair dhomh, agus chaidh m’ arach agus m’ fhoghlum le prionnsa Shamaria.” “A bhaintighearna,” ars’ esan, agus e tionndadh ri Deridhabar, “thoir mathanas dhomh ged a chum mi an cleith ort gus a so gur mac righ mi. Nan d’ innis mi roimhe so co mi, is docha gu ’n robh thusa air a bhith na bu toilichte leis a phosadh a rinn thu na bha thu.” “Cha robh, mo thighearna,” ars ise, “ghabh mi barail mhath ort a cheud uair a chunnaic mi thu, agus bha mo bharail ort a’ dol na b’ fhearr a h-uile latha mar a bha tighinn. Cha bhiodh mo bharail dad na b’ fhearr ort na tha i ged a bhiodh fhios agam gu ’m bu mhac righ thu.” Thuirt a bhraithrean ri Codadad gu ’n robh iad ro thoilichte gu ’n d’ fhuair iad am mach gur e am brathair a bh’ ann. Ach ged a bha iad ’ga chumail so am mach, is ann bha grain an uilc ac’ air. Air an oidhche sin fhein choinnich iad comhladh ann an aite uaigneach am feadh’s a bha Codadad agus a bhean ’nan suain chadail. Runaich na creutairean truagha mi-thaingeil so gu ’n cuireadh iad am brathair gu bas, agus dhi-chuimhnich iad gu ’m b’ ann le a threuntas agus le a ghaisge a shaoradh iad o laimh an duine dhuibh a bha ’g an cumail ann am priosan gus am faigheadh e am air an itheadh. Thuirt fear dhe na braithrean aingidh so: “Cha ’n ’eil a’ chaochladh so de dhoigh againn; oir cho luath ’s a gheibh ar n-athair am mach gur e ’mhac a th’ anns a’ choigreach so air am bheil a leithid de mheas aige, agus gu ’n do chuir e ’na aonar gu bas am fuamhaire ud nach b’ urrainn sinne gu leir a chur gu bas, cha bhi crioch air na ni e de mholadh air, agus nochdaidh e mile fabhar dha, agus a bharrachd air so, fagaidh e an riogachd aige an deigh a bhais, agus feumaidh sinne cromadh sios agus umhlachd a thoirt dha.” Labhair e moran bhriathran eile a bharrachd air so, agus bhrosnaich e inntinn a bhraithrean [TD 35] [Vol. 10. No. 5. p. 3] eile cho mor ’s gu ’n deachaidh iad gun dail far an robh Codadad ’na chadal gu trom, agus an uair a lot iad mile uair e, air dhaibh a shaoilsinn gu’n robh e marbh, dh’ fhag iad e comhladh ri Deidhabar, agus dh’ fhalbh iad do bhaile Harrain, far an d’ rainig iad feasgar an ath latha. Bha aoibhneas anabarrach mor air an athair an uair a rainig iad dachaidh, oir bha e ’n duil nach fhaiceadh e gu brath tuilleadh iad. Dh’ fheoraich e dhiubh ciod a chum cho fada gun tilleadh iad. Ach thug iad an aire mhath nach innseadh iad facal dha mu dheidhinn an duine dhuibh a chuir an sas iad, no idir mar a dh’ fhuasgail Codadad iad. Thuirt iad gu ’m b’ ann a chionn gu’n robh toil aca caochladh dhuthchannan fhaicinn a bha iad cho fada gun tilleadh dhachaidh. Aig a’ cheart am bha Codadad ’na shineadh agus e comhdaichte le ’fhuil fhein, agus gun ann ach gu ’n robh an anail sios is suas ann. Cha robh a bhean, ged nach do lot iad i, a’ bheag na b’ fhearr suidheachadh. Bha i gus a cridhe sgaineadh ag eigheach agus a’ tuiream, a’ spionadh an fhuilt aisde fhein, agus a’ sileadh nan deur gu frasach air corp a companaich. “Ochan! a Chodadad, mo Chodadad graidh,” theireadh i, “am bheil mi ’g ad d’ fhaicinn a’ fhagail an t-saoghail so? Nach b’ eucorach na lamhan a chuir anns an t-suidheachadh so thu? An urrainn dhomh a chreidsinn gur iad do bhraithrean na daoine a rinn a leithid so de dhroch dhiol ort, an deigh dhut le do threuntas am beatha shabhaladh dhaibh? Cha chreid mi idir e. Feumaidh gur e droch spioradan a th’ annta a thainig, fo ainm bhraithrean, gus do mhort. O, a chreutairean cruaidh-chridheach! ge b’ e air bith co sibh, cionnus a b’ urrainn duibh a bhith cho neo-thaingeil an deigh na rinn e de sheirbhis dhuibh? Ach car son a bhithinn a’ gearain air do bhraithrean, a Codadad! Is mise ’nam aonar bu choireach ri do bhas. Roghnaich thu mise mar do cheile posda, agus thuit gach mi-fhortan a bha ’gam leantuinn-sa riamh o ’n a dh’ fhalbh mi a taigh m’ athar air do cheann-sa mu dheireadh. O chruitheachd! ciod a b’ aobhar gu ’n d’ thaing ormsa a dhol troimh leithid a dh’ allaban agus de chruaidh-fhortan! Mur ’eil e ’n dan dhomh a bhith ach uine ro ghoirid posda ri fear sam bith, car son a dh’ ordaicheadh dhomh posadh idir?” (Ri leantuinn.) Smior na Firinn. CHAIDH mi ’ghabhail sràid, an la-roimhe, ’s cha robh mi ach goirid o’n tigh ’nuair a thachair fear-eòlais orm. Dh’ fharraid e dhiom, ciamar a bha mi? Thuirt mi gu’n robh gu math; ciamar a bha e fein? Thuirt e gu’n robh gun deireas. A nis, thuit e mach nach robh mi fhein idir gu math. Bha mi, mar a their na maraichean, air laidhe-thuige, fad seachdain roimhe sin, ’s chuala mi gu’n robh esan ’s an t-suidheachadh cheudna. Cha robh aobhar fo’n ghréin a chuir ’s nach fhaodamaid an fhìrinn innseadh, ach a réir coltais, ’s i ’bhreug a bu deise. Dhealaich sinn an déigh dhuinn breug no dhà eile a chur ris an feadhainn a dh’ ainmich mi. Chuir so mi-féin a smaointeachadh air cho breugach ’sa tha muinntir an t-saoghail so air fàs, ’s bha mi ’meòrachadh air an ni, ’nuair chunnaic mi fear-eòlais eile ’tighinn, ’s sgonn de chù goirid, tiugh, aig’ air ceann teadhrach. Cha do ghabh mi mòr-thlachd de’n chù; bha ’m peirceall iochdair aige dà no trì dh’oirlich na b’ fhaide na’m peirceall uachdair, ’s a h-uile tosg a bha na chraos cho fada ri cranntarrunn. Bha an da chluais dheth o’n fhaillean ’s an t-earball o’n eàrr. Cha bu chù bòidheach air dhòigh sam bith e, ’s cha b’i ’n t-suil bhòidheach no choimhneil a bha ’na cheann. Dh’iarr mi air a mhaighstir an teadhair a thochras thuige. Rinn e sin le lan-aighear nach bu bheag, a chionn mise ’bhi an-earbsach as a chù. “Cù cho teò-chridheach,” ars’ esan, “’s a laidh riamh ann am broilleach duine, agus sin agad far am bheil a leaba ’h-uile h-oidhche bhios mis’ aig an tigh.” “Cha ’n ’eil teagamh agam,” arsa mise, “nach coimh-leapach gle ghrinn an cù, ach ’s feàrr leam am fear sin ann ad bhroilleach fein na ’m bhroilleach-sa.” Thòisich e ’n sin air spleadhraich mu ghliocas ’s mu threuntas a choin, gus an robh mi seachd searbh dheth. A ghearradh goirid a rò-sgeul, thuirt mi féin nach bu ni sam bith sin làmh ri gliocas cù-chaorach a bh’ agamsa. “Seadh,” ars’ esan “agus ciod a nì ’m fleasgach sin?” “Ni,” arsa mise, “h-uile nì a théid iarraidh air a dheanamh, agus tuigidh e h-uile facal seanachais a bhios againn na làthair.” “Ciamar a tha fhios agad?” ars’ esan. “Mar dhearbhadh air sin,” arsa mise, “thainig caraid thun an tighe, air an oidhche roimhe; duine a chunnaic móran de ’n t-saoghal, ’s thòisich e air innseadh mu ghàbhadh cuain ’san robh e aon uair. Bha “Yarrow” na laidhe taobh an teine ’s a chluas fosgailte. Mar a bha naigheachd mo charaid a dol air a h-aghart; bha ’ghaillionn a rug air an luing aige, a fàs na bu chruaidhe ’s na bu chruaidhe, gus mu dheireadh, am b’ fheudar dhomh féin mo chasan a chur ’am forcadh ris a bhalla eagal ’s gu ’n rachadh mo thilgeil air mo chinn-thota. Bha “Yarrow” a fàs neo-shocair ’s e dranndail ris fein. Thug mi bruideadh dha a chur clos air. Dh’ amharc e orm agus air m’ fhacal firinneach, chaog an slaoightire a shùil rium, a cheart cho cealgach ’s ged a bhiodh e ’dol a shuaip each ri fear na naigheachd. Ach ’nuair a chual e iomradh air a ghaoth bhi cho laìdir ’s gu’n robh i ’spionadh an fhuilt bhàrr cinn nan seòladairean, leum e air a bhonn ’s colg na dunach air. “Caisg do chu,” arsa mo charaid. Thug mi fein pailleart do’n chù ’s thuirt mi ris gu’m b’ fhearr dha amharc as déigh a chait ’s gun fhios ciod a bha e ris. ’Am prioba na sùl, bha e fein ’s an cat ann am muinealan a cheile. Chuir sin stad obann air a naigheachd, ’s dh’ fhàg mo charaid an tigh le freimseadh cho mòr ’s nach d’ fhuair mi uidhir is beannachd fhàgail aige.” “Seadh, seadh,” arsa fear a choin fhiaclaich, “nach robh cho math dhuit a ràdh nach do chreid thu na thuirt mise mu dheighinn a’ choin so. “Ni h-eadh,” ars mise, “chreidinn-se ni sam bith mu dheighinn a choin sin.” ’S cha mhor nach robh so fior, oir chreidinn ni olc sam bith mu ’n cheart bhruid. Smaointich mi ’nis gu’m bu leòir, air son aon latha, na dh’ innis mi ’bhreugan, ’s thionndaidh mi mo cheum dhachaidh, ach mu’n do rainig mi an tigh, thachair fear eil’ orm. Fear de ’n t-seòrsa sin aig am bheil slugadh cho farsuing air son naigheachd, fior na breugach, ’s gu ’n sluigeadh e Ionah ’s a mhuc-mhara gun uidhir agus fiacail a chur orra. Rinn mi deas air a shon ’s dh ’innis mi dha te de na breugan mora sin a bhios mi ’g innseadh do “Fhionn” corr uair, ’s rinn mi ’m brochan cho tiugh air a shon ’s gu’n seasadh maide na poite ann, ach cha do chuir sin gaise air. ’S ann a thuirt an duine truagh, ’nuair bha crìoch air mo naigheachd; “O, dhuine ghaolaich,” ars’ esan, “nach eil fhios gur fior sin.” Tha mi ’g ràdh ribh gu ’n dùraichdinn a breabadh. ’Nuair fhuair mi dhachaidh ’s mo phìob a lasadh thug mi greis a’ meòrachadh air an nì—cho deas ’s a tha daoine leis a bhréig, eadhoin, ’nuair nach ’eil i a chum buannachd aimsireil dhaibh. Thug mi, an sin, sùil air feadh nan gnàth-fhocal dh’ fheuch ciod a bh’ aig na sean-daoine ri ràdh mu ’n bhréig. B’e a cheud ràdh a thachair orm mu’n bhreig, “Is fèairde duine breugach fianuis.” A nis, air chor ’s gu’m biodh an fhianuis a chum feum do’n duine bhreugach saoilidh mi gu’m biodh e feumail gur ann air a thaobh fein a bhitheadh i; ach a thaobh ’s gur duine breugach e-fein, saoilidh mi gur fianuis bhreige an aon fhianuis o ’m b’ urrainn dha buannachd fhaotainn. Ma tha so mar so, saoilidh mi gu bheil teagasg an ràdh so, calg-dhireach an aghaidh teagasg lagh nam modhanna, ’s air an aobhar sin, cha bhi tuilidh gnothaich againn ris. An ath ràdh a thionndaidh suas, “Is feàrr a bhi bochd na ’bhi breugach.” An fheàrr gu dearbh? Tha an saoghal de dh’ atharrach barail. Tha fhios aig an t-saoghal, gu bheil an duine bochd, a thaobh teanntachd a bheatha, na’s buailtiche do’n bhreig na ’n duine saibhir, ’s tha e ’ga ghnàthachadh d’a réir sin. Ach ’s e mar a tha, gu bheil sinn breugach a h-uile mac mathar dhinn—bochd is beairteach maraon. An deigh a h-uile car, theagamh nach ’eil e cho soirbh a bhreug a sheachnadh ’sa tha daoine ’m beachd. Cha ’n ’eil sinn idir cho cinnteach as an firinn ’s a tha sinn fein a smaointeachadh. Faodaidh sinn so fhaicinn gu soilleir, anns a liughad beachd ’s a thainig a nuas oirnn troimh linntean céin, mar fhirinn shuidhichte, a tha ’nar latha-ne air an tilgeil bun os cionn, mar fhaoin sgeulachdan. “Ciod i ’n Fhirinn?” dh’ fharraid Pontius Pilat d’ar Slànuighear. A reir aon de na Soisgeulaichean, b’e ’n fhreagairt a fhuair e, gur ann o neamh a tha ’n fhirinn. “Mar sin,” arsa Pilat, “cha ’n eil an fhirinn air thalamh.” Saoilidh mi nach robh e fad am mearachd a thaobh na firinn. ’S e mar a tha, gu ’m bheil ar cor gu nàdurra, mar chor chreutairean talmhaidh eile; tha de dh’ eòlas againn air na nithe leis am bheil sin air ar cuartachadh ’s a tha feumail dhuinn a chum na criche ’chaidh òrduchadh dhuinn; ach an taobh a mach de sin—dorchadas iomallach. Ma tha ’leithid de ni air thalamh is firinn neo-thruailte, no mar their sinn, smior na firinn, cha d’ fhuair an duine fathasd eòlas air. Ann a bhi feuchainn ris an fhìrinn fhaotainn a mach, tha ni no dha a cur amaladh oirnn. Am measg nithean eile, tha neò-choimhliontachd canain a chum ar smuain a chur ’an cainnt. Ged a shaoileas sinn, air uair, gu bheil samhladh firinn—mar thuigear i leinne—’nar n-inntinn fein, tha sinn ’ga fhaotainn ion ’s eu-comasach, an ni a tha ’nar n-inntinn a chompairteachadh anns a cheart chruth agus dhealbh anns am bheil e ’nar n-inntinn fein. Thàinig smuain de’n t-seòrsa so ’am cheann fein, an la roimhe, ’s bho nach b’ urrainn dhomh a cur ’an cainnt, chaidh mi thun caraid dhomh; duin’-uasal aig am bheil sè no seachd a chànainean air bàrr a theangaidh. Dh’ fheuch mi ris an ni a dheanamh soilleir dha, ach chuir e ’leithid de cheistean tarsuinn orm nach b’ urrainn dhomh fhreagairt ’s gu’n do chaill mi m’ fhaighidinn gu buileach. Thuirt e mu dheireadh, nach robh anns an ni bh’ air m’ inntinn ach sgleò. Tha ’n smuain sin na sac air beul mo chleibh-sa fathast, ’s gun chànain thalmhaidh ann ’san gabh i cur. Tha sinn, mar so, breugach, cha ’n ann, a mhàin, a thaobh an lagh a tha ’nar nadur a tha g’ar co-eigneachadh chum na breige, ach mar an ceudna, ’thaobh ar n-aineolas air smior na firinn, agus cho eu-comasach ’s a tha e dhuinn sin fhaotainn a mach.—Highland News. “Feuch gu ’n till thu cho luath ’s is urrainn thu,” ars a bana-mhaighstir ri Peigidh, a bha dol dhachaidh a choimhead a màthar ’s i air leaba ’bàis. “Tillidh, gu dearbh,” arsa Peigidh. An ceann dha no tri lathaichean, fhuair a bana-mhaighstir an litir a leanas: “A bhana-mhaighstir ghràdhach, bidh mi air ais air an t-seachdain s’a tighinn. Le ’r cead, cumaibh an t-àite dhomh. Tha mo mhàthair a’ bàsachadh cho luath ’s is urrainn i. Peigidh.” [TD 36] [Vol. 10. No. 5. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OGUST 2, 1901. Tha e air innse gu bheil Citchener ri ceannardachd an airm Bhreatunnaich ann an Africa mu Dheas a leigeil dheth deireadh a mhios so. Tha e tilleadh dhachaidh do Bhreatunn, agus an ceann choig miosan gabhaidh e ceannardachd an airm anns na h-Innsean. Bidh Sir Bindon Blood a’ gabhail àite Chitchener ann an Africa, ma ’s fior an sgeul so. Ma tha seanachas cuid de phaipearan na duthcha sin fein ri ghabhail mar dhearbhadh, tha Newfoundland aig an àm so anabarrach deonach a bhi air a gabhail a stigh do Chanada. Is e sin an aon ni a b’ fhearr dhi a dheanamh agus tha a mhor chuid de mhuinntir Chanada an dochas gu’n tachair e. Cha bhi Canada iomlan, agus cha bhi Newfoundland fhein ann an tomhas mor sam bith soirbheachail gus am bì iad air an tàthadh ri cheile. Tha an tiormachd a bh’ ann o chionn da mhios air ais an deigh an t-uisge dheanamh gann ann an Sidni. Tha e air tuiteam glé iseal anns an amar agus cha d’rinn na frasan a thainig o chionn ghoirid moran àrdachaidh air. A mhor chuid dhe na thatar ag uisneachadh anns a bhaile o chionn còrr us seachdain ’se uisge nam Forks a th’ ann, air a thoirt do amar a bhaile troimh phioban cuideachd an iaruinn. Tha e fortanach gu bheil iad sin ann, air neo bhiodh gort uisge ’nar measg. Nuair a chaidh an obair uisge chur a stigh ann an Sidni cha robh dùil ris an fhàs mhor a thainig air a bhaile o chionn da bhliadhna. Tha àireamh mhath de luchd-buana a dhith air tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar Thuath air an fhoghar so. Mar is àbhaist tha faradh saor, falbh us tighinn, air a thairgse do dhaoine tha deònach a dhol ann air sgàth mios no dha cosnaidh. Feumar a ràdh nach eil muinntir nan roinnean ìsle a’ cur moran earbsa ann an seanachas briagha luchd an rathaid-iaruinn, oir cha do dhéilig iad ro-cheart riuthasan a chaidh am mach na ceud bhliadhnaichean. Bha àireamhan mora air am briagadh air falbh air sgàth an airgeid faraidh, ’s air am fàgail an àiteachan anns nach robh cuirein de dh’ obair tuathanachais no eile ri fhaotainn. Tha aon de phaipearan nan Stàidean ag innse gu ’n deachaidh triùir dhaoine dubha a chrochadh an la roimhe ann an Nashville, Tennessee, “a reir an lagha.” Ged nach eil an sgeul so a nochdadh gu bheil na daoine dubha a fàs moran na ’s fhearr na bha iad, tha i na dearbhadh cinnteach gu bheil adhartas mor a’ tighinn air na daoine geala. Tha e gle choltach gu ’m bi bàrr cruithneachd an t-saoghail air an fhoghar so fada goirid air mar a b’ àbhaist bliadhnaichean roimhe so. Rinn an tiormachd milleadh mor air a bhàrr anns na Stàidean, ann an America mu Dheas, an Ruisia, agus ann an Siberia. Ann an Iar Thuath Chanada tha coltas air a’ chruithneachd a bhi gle mhath, ach ma bhios gainne ann an dùthchannan eile feumaidh gu ’n éirich a’ phrìs, agus mar sin bidh am biadh daor. Tha cogadh nam Boereach a’ dol air adhart mar a bha e o chionn àireamh mhiosan. Cha ’n eil Boerich a faotainn buaidh air na Breatunnaich ach fior ainneamh, agus tha iad a’ call gu tric. Tha iad a’ ruith gann de bhiadh ’s de dh’ airm, agus thatar a’ glacadh buidhnean dhiubh gu math tric. Chaidh Steyn agus ceannardan eile an ainmeachas “Riaghladh” a tha iad a’ cumail suas gle fhaisg air an glacadh o chionn ghoirid;’s ann air eigin a fhuair iad tàrradh as mu ’n d’ thainig buidheann dhe ’n arm Bhreatunnach orra, agus chaidh paipearan, litrichean agus leabhraichean na stàite a ghlacadh. Tha cuid de na litrichean a’ nochdadh gu bheil cùisean a tighinn gu bhi gle iseal orra, agus gu bheil cuid de na ceannardan a call an dòchais. Aon ni a tha cumail misnich riutha gu bheil moran ann am Pàrlamaid Bhreatunn a tha ’gabhail an taoibh ’sa nochdadh bàigh neo-ghlic riutha anns an t-strith a tha iad a cumail suas. Ged nach eil àireamh na muinntir a tha deanamh mar sin mor, tha iad gle labhrach, agus tha am briathran a’ ruigheachd nam Boereach ’sa cumail dòchais riutha gu ’n toir Breatunn sìth dhaibh air an cumhachan féin. Agus tha cuid de na paipearan Lunnainneach dhe ’n bharail gu bheil iad air an neartachadh anns an dòchas sin leis an dòigh a tha na ceannardan Breatunnach a déiligeadh riutha, a’ cur chumhachan sìthe ’nan tairgse o àm gu àm, ’s mar sin a toirt cothroim dhaibh a bhi creidsinn gu bheil Breatunn na ’s deònaiche air sìth a dheanamh na tha i air an cogadh a leantuinn. Faodaidh e bhith gu bheil na barailean sin fior, agus faodaidh nach eil. Tha beòil nan daoine tha ann an Africa air am faire cho math ’s nach eil sgeul a’ tighinn uapa gun a bhi air a deagh dheasachadh ’s air a fàgail cho neo-chronail ’sa bhios an comas an sgrùdaire dheanamh. Agus mar sin cha ’n eil fhios nach eil nithean a’ tachairt ann an Africa mu Dheas air nach eil muinntir an t-saoghail a mach a cluinntinn iomradh. REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A. W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 37] [Vol. 10. No. 5. p. 5] Naigheachdan. Bha teine mor toiseach na seachdain so anns na coilltean timchioll air St. Margaret’s Bay, an siorrachd Halifacs. Tha e an deigh moran fiodha losgadh, agus bha an call air a mheas Di-màirt aig ceud mile dolair. Buinidh am fearann air am bheil an teine do ’n Riaghladh Bhreatunnach. Dh’ fhàg an t-Shamrock II., birlinn Shir Tomas Lipton, abhainn Chluaidh deireadh na seachdain s’a chaidh, agus tha i nise air a chuan mhor ’sa h-aghaidh air America. Mur eil dòchas aig Sir Tomas cupan na h-America a bhi aige dol air ais, mar a tha cuid ag ràdh, tha e ’cumail an eu-dòchais math an cleith. Bha tiormachd mhor ann an cuid de na Stàidean o chionn àireamh sheachdainean. Bha stàid Kansas gu h-àraidh a fulang gu mor, ach bhrist air an t-side deireadh na seachdain s’a chaidh. Shil uisge trom, a thug deoch mhath do ’n talamh thartmhor, agus a shàbhaileas roinn mhor dhe ’n bhàrr, a bha beul ri bhi air a thur mhilleadh leis an tiormachd. Thatar o chionn da no tri sheachdainean ag obair air balla stéidh tigh-na-cùirte, a tha an t-siorrachd a’ togail. Bidh clach na h-oisinn air a càradh na h-àite air an t-seachdamh latha dhe ’n mhios—Di-ciaduin s’a tighinn—leis an Onarach Mr Jones, Riaghladair Nobha Scotia. Bidh òraidean air an labhairt an am càradh na claiche, leis an Riaghladair, leis a Phriomhair Murray, agus leis a Bhreitheamh Dodd. Chaidh “poit dhubh” a ghlacadh an la roimhe air an Abhainn Mhuileich, faisg air Mabou. Gun teagamh sam bith tha àireamh mhor de na poitean so air an cumail air obair ann an caochladh chearnan de ’n eilein so, agus mar is luaithe theid an glanadh as ’s ann is fhearr do ’n dùthaich. Cha ’n eil an t-uisge-beatha na stuth math nuair is fhearr a dheanamh; ach tha toradh amh nam poitean-dubha ’na fhior phuinnsean. Bha fras throm de chlachan-meallain Di-sathairne s’a chaidh aig Union Road, coig mile match á Charlottetown, E. P. I. Bha an fhras mu chairteal mile air leud, agus bha na clachan-meallain cho garbh ’s gu ’m b’ fheudar do dhaoine bha muigh aig an àm an cinn a chòmhdach le ’n cuid aodaich. Sia uairean an deigh do ’n fhras a bhi ann, bha na clachan-meallainn ann an àiteachan cho domhain ri sia òirlich air an làr. Bha milleadh mor air a dheanamh air feur, agus chaidh am bàrr a chur o fheum buileach. Mu mhile o’n àite so bha sìde bhriagha ann, agus na tuathanaich ag obair air an fheur. Ghabh am baile suim mhor airgeid an iasad an uiridh—$235,000—air son shràidean, obair-uisge, agus phioban-glanaidh. Tha an t-airgead sin, a bha dùil a dh’ fhòghnadh air son na rachadh a dheanamh gu deireadh na bliadhna so, a nis air teirgsinn, agus feumar suim mhor eile ghabhail an iasad ar neo na h-obraichean ud a stad, ni nach freagair idir, oir tha chuid a tha gun deanamh dhe gach obair a cheart cho feumail agus cho riatanach ris a chuid a tha deante. Tha coinneamh ri bhi air a gairm an ùine ghoirid aig am bi a’ chùis air a cur fa chomhair an t-sluaigh air son iad a dheanamh an ni a shaoileas an àireamh a’s motha dhiubh ceart. Chaidh Iain Galena, gille beag aois ochd bliadhna, a bhàthadh ann an Glace Bay Di-sathairne s’a chaidh. Bha e-féin us gill’ eile a’ cleasachd mu ’n dama aig an t-seann mhèinn, agus chaidh esan a mach air ràth. Chuir an ràth car dheth, agus bha ’n gille air a thilgeadh dh’ an uisge ’s air a bhàthadh. Chaochail boirionnach ann an New York an la roimhe a bha o chionn iomadh bliadhna a faotainn déirce, ’s i a’ còmhnuidh ann an aon de na taighean bu bhochda dòigh ’sa bhaile. An deigh a bàis fhuaireadh ’na seòmar leabhar a bha sealltuinn gu robh còig mile deug dolair aice air a chur mu seach ann am fear de na bancaichean-caomhnaidh. A réir sgeòil aon de phaipearan a’ bhaile, am measg nam Boereach a chaidh a ghlacadh ann an Africa mu Dheas air an t-samhradh so, bha fear Domhull Mac Citheagain, a mhuinntir Cheap Breatunn. Dh’ fhalbh an duine so á Mira o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais. Tha e uaithe sin anns an Transbhaal, agus ’nuair a thòisich an cogadh ghabh e an arm nam Boereach. Ged is iongantach e ri innse, tha còrr us fichead tiodal ann am Breatunn air nach eil neach sam bith ag agairt còir. Tha oighreachdan an co-cheangal ris an àireamh a’s motha de na tiodalan sin, agus tha fhios co is oighreachan dligheach air cuid dhiubh, ach cha ghabh na h-oighreachan sin gnothuch sam bith ri tiodal no ri oighreachd. ’S fhearr leotha, mar is fhearr leis a mhor chuid de ’n chinne-daonna bhi ’nan islean na bhi ’nan uaislean. Thugadh iomradh o chionn ghoirid air na birlinnean a tha dol a chur na réise faisg air New York air an fhoghar so, a bhi cur réisean ris na birlinnean a bha anns an reis mu dheireadh. Anns an iomradh sin rinneadh mearachd le ràdh gu robh birlinnean na bliadhna so a toirt buaidh air na seann bhirlinnean. Tha e fior gu leòir gu bheil a bhirlinn ùr Bhreatunnach a toirt buaidh air an t-seann té, ach cha ’n eil sin fior a thaobh na birlinn ùr Gheancaich. ’S ann a tha ’n t-seann bhirlinn mar is trice a toirt buaidh oirre-se. Agus cha ’n eil iad gann ann am Breatunn a tha air an aobhar sin ag àrach dòchais gu ’m bi buaidh leis a bhirlinn Bhreatunnaich am bliadhna, ged a chaidh an dòchas ceudna a mhealladh cho tric anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh. Chi sinn iomradh an drasda ’s a rithist air fear no air mnaoi a tha an deigh an ceud bliadhna a ruighinn, ach ’s ann glé ainneamh a chluinnear iomradh air mnaoi a tha cho sean ri bantrach Sheumais Mhills, a tha comhnuidh faisg aia baile beag Woodham, an Ontario. Rugadh i ann a Fermanagh, an Eirinn, an 1788. Fàgaidh sin i ceud bliadhna agus a tri deug a dh’ aois. Thainig i-fhéin ’sa companach a mach do Chanada an 1857, agus chaochail esan da bhliadhna an deigh dhaibh tighinn do ’n duthaich so. Bha naodhnar de theaghlach aca, agus tha an sliochd an diugh a ruighinn an siathamh gineal. Rugadh i ann an rioghachadh Righ Seoras III., agus mar sin bha i beò fo riaghladh Seoras IV.,Uilleam IV., Bhictoria agus Iomhar VII. Gus o chionn bliadhna bha a cuimhne cho math ’s gu ’m biodh i ag innse le prois na nithean a chunnaic i ’s a bhiodh a tachairt nuair a bha i òg. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. [TD 38] [Vol. 10. No. 5. p. 6] Seann Oran do ’n Fhionnan-fheoir. So againn eadar-theangachadh orain Greugaich a tha air a chur as leth baird ainmeil d’am b’ainm Anacreon, a rugadh còrr ’us coig ceud bliadhna roimh bhreith Chriosd. Gidheadh, tha cuid ann a their gu’n do sgriobhadh e moran bhliadhnaichean an deigh linn ar Tighearna. Co-dhiu a tha a bharail so ceart no nach eil tha ’n t-oran sar-ghrinn ann am beachd sgoilearan air feadh an t saoghail, agus is iomadh uair a chaidh ’eadar-theangachadh le bardaibh na Roinn-Eorpa. Thionndadh gu Beurla e le Cowley, gu Fraingeis le Leconte de Lisle, agus gu canain luthmhoir na Gearmailte leis a’ bhard chliuiteach, Goethe:— DO ’N FHIONNAN-FHEOIR. “A Fhionnain-fheoir! thusa a sheasas air barr na craoibhe urair, tha sinn ’g ad mheas sona. Oir ’n uair bhios tu air ol driuchd urachail na maidne, is tusa a’ sheinneas gu mear, rioghail. Oir agad-sa tha na h-uile ni a chi thu anns na machraichean, na h-uile ni a tha fas suas anns na ceithir-raithean. Is toigh leis an tuathanach thu, do bhrigh gu ’m bheil thu neo-lochdach. Agus tha muinntir na talmhainn uile a cur urraim ort, oir is tusa teachdaire binn an t-Samhraidh. Seadh—agus thug a’ Cheolraidh gradh dhuit, agus Phoebus fhein mar an ceudna, agus is esan a thug dhuit do ghuth binn bidealach. Ach cha saraichear thu a’ chaoidh, eadhon leis an t-seann-aois; O’chreutair ghlic, thalmhaidh, cheolmhoir, bhig, agus tu gun fhuil agus saor o gach pein—gu dearbh, is cha mhor nach eil thu neamhaidh.” Is i earrann deireannach de’n oran a’s suaicheanta, oir an so, cha mhor nach ’eil am bard ag radh gu ’m bheil am fionnan-feoir ’na chreutair “neamhaidh,” is e sin ri radh ’na dhia. Theagamh gur ann a’ thaobh a dhith fola a tha ’m bard anns a’ bheachd iongantaich so, oir b’e Homer, am bard mor Greugach, a thubhairt gu ’n robh na diathannan “gun fhuil.” Gun teagamh, tha’n da fhacal “gun fhuil” a ciallachadh nach e fuil “dearg” a th’ann, agus bithidh lan-fhios aìg ar luchd-leughaidh gu’m bheil fuil gheal aig an fhionnan-fheoir, mar th’ aig moran bhiastagan eile. W. H. Jeremiah G. Fitz-Roberts. LE DONULL MAC-CALLUM. A gabhail fadail nach robh The MacDodo, Henry V., a tighinn a thagradh coimhlionadh a geallaidh dha, mar choisinn e ann a bhi glacadh nam “poachers,” chuir i an litir so thuige ’ga ghreasad:—“My Ownest Harry,—This day fortnight come to see your sweetheart Dora.” Bha fios aig Henry B. nach robh dol as aige ach Dora fhreagairt. Fa chomhair an la a chuir i air leth dha gu dol a choimhead orra rinn e an t-ullachadh a b’ fhearr a b’ urrainn e. Chuir e an sanas so ’s na paipearan naigheachd—“Wanted by the Mac-Dodo, of Castle Dodo, a water Baillie. Apply personally at the Castle.” An deigh sin a bhi air fhaicinn ’s na paipearan naigheachd, chuir so e fein ann an cruth Maor-aimhne, agus thainig e gu Caisteal Dodo a dh’ fheoraich air son an aite, a chum ’s gu faiceadh e de bha dol air aghaidh an talla na seirbheiseach. Tha mi cinnteach nach fhaineichadh a’ mhathair fein e an turus so. ’S e duine fada caol, air cumadh crann giubhais, a bha ’n Henry V. ’S ann a bha am fear so mor leathann, air cumadh tosgaid leanna. ’S e duine lacann lom a bha ann an Henry V. Se duine ruiteach mollach a bha an so. Bhuail e glag an talla agus air do’n chocaire (Miss Ellis; boirionnach a bha leth cheud bliadhn’ a dh, aois, agus sia clacha fichead air chudtrom) tighinn thun an doruis, deir e rithe—“Will you tell me, my sweet little maiden, if The MacDodo is at home, as I have come to offer my services as his Dodoship’s water baillie.” “Are you married?” deir the sweet little maiden. “Have pity on me,” ars esan, “I have not that felicity.” “His lordship I am sorry to say,” ars ise, “is at present in London, but if your water baillieship will have the goodness to exchange cards with me it will give me joy to invite you to a party we are having to-night in Prince Charles’ Hall, West Wing Castle Dodo.” “A thousand thanks my sweet little maiden,” fhreagair e ’s e gabhail a “card,” Jeremiah G. Fitz-Roberts has great pleasure”—’s mar sin air aghaidh. Thainig Jeremiah G. Fitz-Roberts thun na cuirme, mar chaidh a chuireadh, agus cha deachaidh dha gu don’ idir. Bha Jenkins, “flonkey” Lady Myshrym, an sin agus de bha aige gu spors a thoirt do’n chuideachd ach “Cupid’s Casket” na bantraich mhoir. A measg na h-ubraid a bh’ ann chuir Jeremiah litr a roghainnich e as a measg, gu’n a bhi air fhairicinn, na phocaid. Mar so thuirt Jenkins ’se ’g ol deoch slainte The MacDodo—“While drinking his own wine, it would ill become us, ladies and gentlemen, not to celebrate the glory of the Great The MacDodo, of that ilk. He belongs to an ancient race. I am told his forefathers lived at the time of Nimrod, and that it is not at all true that his genus has been long ago extinct.” Bha oraid tuille ’s fada air son a cuir a sios an so. Cha ’n fhaod mi ach am “peroration” a chuir a sios—“And as the ages roll, the fame of the carnage wrought by them, encircling the head of each MacDodo with a saintly halo, increases in splendour.” Cho bochd ris an rocais. Chaidh a chuis ’n a taois. Cho dubh ris an oidhche. Cul an leighis ris an leigh. Cho luath ris na gatha-dubha. Cho grad ri feodhrag cheitein. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Seall an so air son SANUS UR Air an ath Sheachdain. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. [TD 39] [Vol. 10. No. 5. p. 7] Uinneagan Fosgailte. Nach muladach an ni a bhi comhnuidh ann an tigh gun uinneig, mar a tha moran dhe’n t-sluagh bhochd ann an duthchannan na h-airde ’n ear. Feumaidh an solus, an t-aileadh, agus gach sealladh air na tha mach tigh’n uca troimh ’n dorus. ’Nuair a dhuinear an dorus tha an tigh dorcha. Faodaidh neach suidhe stigh, agus an deigh sin moran fhaicinn agus ionnsachadh troimh na h-uinneagan fosgailte. Bidh sinn gu tric a’ cluinntinn iomradh air dorsan fosgailte ’s ’g an samhlachadh ri cothroman a bhios againn air math a dheanamh. Smaoinicheamaid mar an ceudna air uinneagan fosgailte a leigeas a stigh solus agus eolas. Cha’n eil e daonnan ’nar comas a dhol a mach a chur an gniomh na bu mhath leinn, ach ’s ainneamh an t am nach urrainn duinn suil a thoirt a mach agus nithean fhaicinn. An sin faodaidh sinn a bhi beachd-smaoineachadh air na chunnaic sinn, agus a bhi ullamh gu dhol a mach ’nuair a thig an t-am. Tha leobhraichean dhe’n t-seorsa cheart ’nan uinneagan fosgailte dhuinn. Tha iad a’ nochdadh dhuinn na tha dh’ easbhuidh air muinntir eile, agus a’ leigeil a stigh gathan iongantach de dh’ eolas ioma-seorsach. Tha leobhraichean matha a’ fosgladh ar n-uinneagan ri neamh, agus a’ suidheachadh ar n-aignidhean air na nithean a tha shuas. Biodh ar n-uinneagan fosgailte, agus na deanamaid dearmad air amharc trompa. Thig eolas air nithean o’n taobh a mach ugainn an toiseach, agus an sin faodaidh an dorus fosgladh, agus theid àithne dhuinn ni-eigin a dheanamh. Mu na h-Eirionnaich. Bha mi thall n’am measg an la-roimh-n’-de, an uair a thainig fear mu’n cuairt a bha ’reiceadh chistean no chobhana beaga a ghleidheadh eudaichean, no nithe sam bith mar sin dhe’n robh curam ’ga ghabhail. Dhiubh so bha lan cartach aig a’ cheannaich dheth gach meud agus cumadh. Bha Eireannach bochd, luideagach ri taobh an rathaid aig an robh piocaid na laimh agus thubhairt fear na cartach ris, ‘Thig air t-aghaidh, a’ Phat, thig air t-aghaidh, agus ceannaich a’ chiste bheag, bhoidheach so, aig am bheil deagh ghlas is iuchar, agus bithidh i ro fheumail dhuit, an uair a tha thu fad o d’ dhachaidh fein.’ ‘C’arson, a’ ghraidh mo chridhe, a cheannaichinnsa a’ chiste sin?’ ars’ an t-Eireannach. ‘C’arson, ach chum t-eudach a chur innte,’ deir am fear eile. ‘Seadh, seadh, tha ’n gnothuch ro mhaith;’ arsa Pat, ‘oir ann sin dh’ fhalbhainn ruisgte, oir cha ’n ’eil snathainn eudaich air thalamh agam ach na luideagan breuna so a tha mu m’ choluinn.’ Bha aon diubh a la roimh ag innseadh dhomh ’eachdraidh fein, mu thuras a ghabh e as an duthaich aige air bord luinge gu Sasunn dh’ionnsuidh an fhogharaidh. Re na slighe bha e cas-imeachd sios agus suas, suas agus sios gu’n stad, air clar-uachdar na luinge agus an tra’s ’sa lis ag amharc gu gear air a’ Chaiptein gu’n lide a labhairt. Ach mu dheireadh, ’nam doibh a bhi’tarruing gu tir, thainig an cleireach mu’n cuairt, agus dh’iarr e an t-airgiod-slighe air Pat bochd. ‘Air do shocair a nis, a’ Ghraidh-geal me chridhe,’ deir Pat, ‘is cinnteach leam nach ceadaich an Caiptean ni co suarach ri sgillinn ruadh iarraidh air buanaiche bochd mar a ta mise, oir bha Onoir fein fianuiseach gu’n do choisich mi gach ceum dhe’n t-slighe.’ Chual mi lionmhorachd chomhraidhean iongantach ’nam measg, ach ’san am chaidh iad a mo chuimhne. Feudaidh mi innseadh dhuit mar a dh’eirich do Mhorgan Finnigan aon dhe’n luchd-oibre. Air la araidh o cheann ghoirid, bha duin-uasal a’ gabhail an rathaid seachad air an obair agus bha Morgan Finnigan a’ dol gu ’dhineir, agus a’ siubhal dluth air sailtibh an duin’-uasail. Bha’n la grianach, blath; agus bha an duin’-uasal a’ siabadh an fhalluis bharr a ghruaidhibh le ’neapicinn poca. Ann an uine ghoirid, dh’ ionndrain e a neapicinn a bha aige o cheann mionaid ’na laimh, agus air tionndadh dha, rinn e greim air Morgan bochd air amhaich, agus thubhairt e ris gu frionasach, ‘A’ chrochair gu’n naire, ghoid thu mo neapaicinn-poca.’—‘Air do shocair, a dhuin uasail,’ ars’ Morgan, ‘air do shocair, na bi co cas, co bras, na co bruidhneach!’ Rinn Morgan strith chruaidh gu faotuinn as a lamhaibh, ach rinn am fear eile strith ceart co cruaidh chum a ghreim dhe’n Eireannach a ghleidheadh gus am faigheadh e an deagh neapaicinn-sioda a ghoideadh uaith. Mu dheireadh anns a’ chomhstrith, thuit an ad o cheann an duin’-uasail air an lar, agus thuit an neapaicinn-poca a mach as an aid air an rathad-mhoir ‘Tha mi ’g iarraidh maitheanais ort, a’ dhuine bhochd,’ ghlaodh an duin’-uasal ris an Eirionnach, ‘rinn mi casaid-bhreige ’nad’ aghaidh, air duit a bhi neo-chiontach dhe ’n mheirle a chuir mi as do leth. Fhreagair Morgan gu seimh, ciuin, agus thubhairt e; ‘Na cuir dragh sam bith ort fein mu ’n chuis—na cuireadh e trioblaid-inntinn s am bith ort, oir cha robh ann ach so, gu ’n do ghabh thusa mise gu bhi a’m mheirleach, agus ghabh mise thusa gu bhi ’nad’ dhuin’-uasal, agus bha sinn le cheile air ar mealladh gu tur ’nar barail.” ALASDAIR RUADH. Bha fear mor-as-fhein a deanamh fanaid an mnaoi oig a chionn i bhi creidsinn gu’n do shluig a mhuc-mhara Ionah, s bha e a cur cheisdean oirre nach robh furasda dhi a fhreagairt. “O” ars ise ris mu dheireadh, “nuair a ruigeas mi neamh faoighneachdaidh mi sin de dh’ Ionah fhein,” “Ach mur bi Ionah ann an neamh, gu de’n sin?” arsa fear nan ceisdean. “O mar bi,” ars ise, “faodaidh tu fhein fhaoighneachd dheth.” Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 40] [Vol. 10. No. 5. p. 8] Oran air Blar na h-Olaind. LE ALASDAIR MAC-FHIONGHAIN. Air mios deireannach an fhoghair, An dara latha, ’s math mo chuimhne, Ghluais na Breatunnaich bho ’n fhaiche, Dh’ionnsuidh tachairt ris na naimhdean; Thug Abercrombaidh taobh na mara Dhiù le ’n cànain, ’s mi ga ’n cluinntinn; Bha fòirneadh aig Moore gu daingeann, Cumail aingil ris na Frangaich. Thriall Abercrombaidh ’s Moore na féile, Le ’n laoich éuchdach, thun a bhaiteil; Tharruinn iad gu h-eolach, treubhach, Luchd na Beurla ri uchd catha; Nuair a dhlù na h-airm ri chéile, Dhubhadh na speuran le ’n deathaich; ’S bu lionmhor fear a bha ’s an éisdeachd, Nach do ghluais leis féin an ath-oidhch’. Dh’ fhag iad sinne mar a b’ annsa, Fo cheannardachd Mhorair Hunndaidh, An t-òg smiorail, fearail, naimhdeil, Nan teannadh ain-neart ga ’r n-ionnsuidh; Le ’bhrataichean siod’ a strannraich, Ri ’n cuid crann a damns’ le muiseag; ’S na fir a toghairt ’s na Frangaich, B’ iad mo rùinsa clann nach diùltadh. Bha ’n leoghann colgarra gun ghealtachd, Le mhìle fear sgairteil làmh ruinn; An Camshronach garg o’n Earrachd, Mar ursainn chatha ’s na blaraibh; Dh’ aontaich sinn mar aon ’sa bhaiteal, Le faobhar lann sgaiteach stailinn; Cha bu ghniomh le ’r laoich gun taise, Faoineis air an fhaich’ le làmhaich. Bhrùchd na naimhdean le ’n trom làdach, Air muin chàich an àite teine; ’N uair fhuair Sasunnaich droch chàradh, Phill iad o’n àraich n’ ar coinneamh. Ghlaodh Ralph uaibhreach ri chuid àrmunn Greasaibh na Gàidheil n’ an coinnidh, ’S tionndaidh iad an ruaig mar b’ àbhaist, An dream àrdanach, neo-fhoileil. Grad air an aghairt ’s an àraich Ghluais na saighdearan nach pillte: Mar iolaire guineach, gun chaoimhneas, Nach b’ fhurasda chlaoidh le mi-mhodh; Thug iad sgrios na’n gathan boisgeach, Mar dhealanaich oidhche dhìlinn, Ri sior iomain romp’ nan naimhdean, ’S neul na fal’ air roinn am pìcean. ’Nuair a dh’ ionndrainn a chonnspuinn Morair Gòrdon o uchd buailte, ’S a chual iad gu ’n robh e leòinte, Dh’ ùraich iad le deòin an tuasaid; Mar mhaoim do thuil nam beann mòra Brùchdudh bho na neòil mu ’r guaillean, Lean iad an ruaig le cruaidh spòltach, Gu fuilteach, mor bhuilleach, gruamach. Bha Camshronaich an tùs a chatha Air an losgadh mar an cianda; Leonadh an ceann-feadhna sgairteil, Ri còmhraig bhaitealach a liath e. Gu sonraicht’ coltach an dearcag, ’S an fheoil nach taisicheadh fiamh i; Mu ’n chrom a ghrian fo cleòc-taisgte, Phàidh sinn air an ais na fiachan. Ged ’bha na Rìoghalaich bho Albainn, Na fir ainmeil, mheamnach, phrìseil, Fada bhuainn ri uair a gharbh chath, ’S buaidh a b’ ainm dhaibh ri uchd mhìltean; Ghreas iad air an aghaidh gu colgail, ’N uair a chual iad stoirm nam pìcean; Mo chreach! luchd nam breacan balla-bhreac Bhi le lasair marbh na ’n sìneadh. Tha na Frangaich math air teine, Gus an teannar goirid uapa; ’S ann mar sin a fhrois iad sinne, Ri deich mionaidean na h-uarach; Ach, nuair dh’ fhaod ar laoich gun tioma Dhol an àite buille bhualadh, Bha roinn nan stailinne biorach Sàthadh guineideach mu ’n tuairmse. Gu ’m bi sin an tuairmse smiorail, Chinnteach, amaiseach, gun dearmad; Thug na leoghainn bhorba, nimheil, Bu cholgail sealladh fo ’n armaibh, Ri sgiùrsadh naimhdean mar fhalaisg, A’s driùchdan fallais air gach calg dhiù, ’S bha Frangaich a brùchdadh fala, ’S an cùl ri talamh ’sa ghainmhich. Mar neoil fhuilteach air an riasladh Le gaoth a b’ iargalta séideadh, Ruith nam baididh ceigeach, lia’-ghlas, An deigh an cliathadh as a chéile; Chite na naimhde gun riaghailt ’Teicheadh gu dian o uchd streupa, ’S iad a leaghadh air am bialthaobh Mar shneachd am fianuis na gréine. Ged a phill sinn o ar dùthaich, Cha d’ mhill sinn ar cliù an cruadal, Bha sinn gach latha ga ’n sgiùrsadh, Mar chaoirich aig cù ga ’n ruagadh; Dh’ aindeoin an cuid slòigh gun chùnntas, Tigh’n o’n Fhraing as ùr ga ’r bualadh, Bu leisg ar gaisgich gu tionndadh ’Nuair a chòrd an Diùc ri’n uaislean. ’N uair chuireadh am baiteal seachad, ’S a dh’ àireadh ar gaisgich threubhach, Bha iomad Gàidheal ’s an deachaidh, Le miad am braise ’s an streupa, Fuil a ruith air lotaibh frasach, Bho luchd nam breacanan féilidh, ’S i sior thaomadh leis na glacan— ’S truagh nach dh’ fhaod ar gaisgich éirigh! ’S bochd gun sian orra bho luaighe, On a bha iad cruaidh na ’n nàdur, Fulangach gu dhol ’san tuasaid, Guineideach ’nuair ghluaist’ an àrdan; Cha robh math d’ an nàmhaid gluasad, Dh’ iarraidh buaidh orra ’s na blàraibh: Chaill iad air an tràigh seachd uairean, Tuilleadh ’s na bha bhuain ’san àraich. Nis o’n chuir iad sinn do Shasunn, Ghabhail ar cairtealan geamhraidh, Far am faigh sinn leann am pailteas, Ged tha Mac-na-praisich gann oirnn, Olar leinn deoch-slàinte ’Mharcuis, Ar gualann thaice ’s ar ceannard: Tha sinn cho ullamh ’s a ait leis, Dhion a bhrataichean bho ainneart. Rann do ’n Leisg. LE EOBHAN MAC-LACHUINN. A leisg reangach, robach, dhuaichnidh, Mallachd buan bho dhuan nam bàrd dhut! ’S bochd an t-sian do’n tì bheir cluas dhut, ’S dearbh nach dual gu ’n dean e tàbhachd. ’S fior an sgeul a sgriobh righ Solamh, “Nach robh sonas riamh ad ghlacaibh.” A chairbh rag, gun sgrid, gun fhosgladh, Trom-cheann, marbh, nach mosgail facal, ’S ronngach, fàrdalach, gun rùth-bhalg, Do sheann chlosach bhruchdach, lachdunn; ’S miann leat coimhearsp bhuan an rosaid, Dealbh na gorta sgaoil mu t-asdail; Tim fo ’n lùirich na d’ chuail chnàmhaich, Reic thu Fàrrais air son cadail; Dréin an Aoig na d’ ghrod-chraos bearnach, Do chràg chearr am muing do phap-chinn. Sid an sluagh thug bith an tùs dhut, A Mi-chùram ’s Dìth-na-sgoinne. Slabhraidh theann do phraisich chruaidh ort, ’S dà cheud punnd de ’n luaidhe d’dheireadh. A Leisg throm ga ’m bodhar spad-chluas, ’S tu ’n gadaiche ’shlad na h-aimsir: Ged ’bhiodh mìle cuip ga d’ shlaiseadh, Cha tig an stadaich á t-earball. Sibhs anns am beil feum a’s dìreadh, Ruithibh grad an tìm gu freagairt, Mu ’n cosgrar sibh fo shlait iarainn Ban-mhaighstear iarnaidh na sgreatachd. Bas. —Ann an Salamanca, New York, air an darra latha fichead dhe ’n mhios a dh’ fhalbh, Iain D. Domhnullach, leth-cheud bliadhna dh’ aois. Rugadh e ’sa Cheann Dearg, faisg air Baddeck, far am bheil athair ’sa mhàthair fhathast a fuireach. Chaidh e do na Staidean nuair a bha e mu fhichead bliadhna. Bha e ann an Salamanca o chionn faisg air ceithir bliadhna, ann an obair-leathrach. Bha e ’na fhear-ceairde ro mhath, agus rinn e moran airgeid le patents a thug e mach air son innealan obrachaidh leathrach. Dh’ fhàg e bean agus ceathrar chloinne. Tha iad sin aig a dhachaidh ann an Ceap Breatunn far an deachaidh a chorp a thobhairt gu bhi air adhlacadh. Tha dithis bhraithrean agus piuthar dha anns na Stàidean, agus piuthar eile ann am Baddeck. Bha e na dhuine coir, ’s ’na dheagh charaid, air an robh mor mheas aig na h-uile. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ceannachd Posta. Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu....... Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 41] [Vol. 10. No. 6. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 9, 1901. No. 6. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MACFHIONGHAIN. CAIB. XII. CHAIDH an ùine seachad air a socair fhéin. Bha ’m foghar seachad, agus a nis an geamhradh dlùth. Chaochail a choille ’s gach luibh an dreach bho uaine gu buidhe, agus a nis air seargadh, bha an trusgan a tuiteam gu làr leis a h-uile oiteag gaoithe, gus mu dheireadh an robh iad ruisgte, ’s coltas brònach, fuar orra.—“Dìreach,” arsa Calum, “an uair a b’ fheumaich’ iad air an trusgain chaith iad dhiubh iad.” Thòisich an latha air fàs gu math goirid, ’s an oidhch’ air fàs fada, fuar. Ach bha na Gàidheil òga ’cumail suas gu math. Cha do chaill iad dòchas nach fhaigheadh iad gu àite criosdail luath no mall. Bha iad na bu dòchasaiche nis. Thachair do phàirt de na h-Innseanaich òga ’bhi mach aon latha sealg, agus air dhaibh tighinn air ais gu baile bha òganach na phriosanach aca, a bhuineadh do threubh a bha aon uair naimhdeil dhaibh. Cha robh saoghal fada air a bhith aig an duine bhochd nam biodh gach cuis a reir miann nan treun a ghlac e; ach air iarrtas Aonghais agus Chalum chaomhnadh a bheatha. Dh’ innis am fear so, ma ta, gu robh e-fhéin agus a chàirdean astar fada mu dheas air an t-samhradh a dh’ fhalbh, ’s gu ’m fac’ iad daoin’ iongantach, ’s gruag a fàs air na h-aodainn aca, mar a bha air na Gàidheil fhéin—gu robh còignear ann dhiubh, ’s iad a dol an iar an canù air amhainn mhoir. Leis cho toilichte ’s a bha ’n duin’ òg so, an uair a thuig e nach robhas gus a chuir gu bàs, a réir cleachdadh a shinnsreadh ri ’n cuid phriosanach, bha e air son a bhi frithealadh do ’n dithis a shàbhail e anns gach dòigh. B’e cheud ghniomh a rinn e, a nochdadh a thaingealachd dhaibh, deiseachan do bhian àluinn o làr gu mullach fhaicinn deante dhaibh, maille ri paidhir do bhrògan sneachda. Ged a bha ’n treubh ag amharc air an Innseanach òg so le malaidhean croma—oir b’e mac seann nàmhaid dhaibh—ghabh iad meas gu leor air mu dheireadh, a thaobh a ghaisge ’s a thapachd anns gach dòigh ’s na chuireadh deuchainn air. An ùine gun a bhith fada phòs e-fhéin agus Driùchd-a-chéitein, ’s chaidh mar so sìth a shéuladh eadar an da threubh, a bha o chionn linntean nan naimhdean guineach, agus aig nach robh fios ciamar a thòisich an naimhdeas an toiseach. Thainig an geamhradh agus thainig am fuachd ’sa sneachda. A cheud latha bha gle fhuar, chuir na Gaidheil suas na deiseachan béin, agus rinn iad fhéin gaireachdaich gu leor leis a bhùchd a bh’ annta. Sheinn Calum, ’s e ag amharc air a charaid, mar so:— “’Nuair chi mi fear air fàireadh, Gur coltach e ri càmhull; ’S cha’n aithnich mi, ’s e làmh rium, An nàmhaid e na caraide.” “Na ’m bitheamaid ’san trusgan so oidhche ’n Gleann Fraoich, Aonghais,” ars’ esan, “cha robh sìtheach, na glaistig, na doideag air an cual’ iad iomradh riamh, a chuireadh a leithid do dh’ oillt orra!” “An gabh thu smoc, a Chalum!” arsa guth aig uilinn Chalum, a thug air cha mhor leum as a bhrògan. “An tu sid, a Ni Math?” arsa Calum. “Gu ma h-olc dhut, a chreutair mhi-nàdarra! ’s nach ’eil uair a chluinneas mi guth Gàilig á d’ bheul nach éirich m’ fhalt air mo cheann!” Bha Ni Math an déis tlachd mor a ghabhail dha na Gàidheil, agus ao-coltach ri ’cho-bhràithrean, bha e glé dheigheil air spòrs do sheorsa sam bith, agus mar a chaidh innseadh cheana, bha e tigheach air fiosrachadh is eolas mu ’n t-saoghal as an tainig na daoine geala. Mar sin bha e air aghartachd mhor a dheanamh ag ionnsachadh na Gàilig, agus gu dearbh, mar thuirt Calum, bha e car mi-nadarra gun teagamh cainnt Oisean a chluinntinn o bhileabh Innseanach ann a fàsaichean America. A dh’ aindeoin gach oidhirp a bha iad a cleachdadh, bhiodh iad tùrsach, brònach gu leor na uairibh, ged a bhiodh fiamh a ghàire fhéin air an gnùis ’ga fhalach o cheile, agus bu tric na smaointeanan luasganach aca air tir nam beann ’s nan gleann. Bu thric, an uair a bhiodh na colunnan aca aig fois nan suain, a bhiodh an spiorad luasganach air sgéith, a cur cuairt air gach àit’ anns am b’ abhaist dhaibh triall. Nach iongantach inntinn an duine, nach gabh fois a dh’ oidhche na latha gle thric. Nach mor an diomhaireachd a tha cuartachadh a chuspair so. Ach ma theid sinn a bhruidhinn air diomhaireachdan chì sinn iad anns gach ni ’tha g’ ar cuartachadh, anns gach feornain ’san àchadh, agus mar a’s lugha ni sinn a rannsachadh air cuid dhiubh, ’s ann is ionnsaichte bhios sinn. Mar a dh’ ainmicheadh, bhiodh iad iomadh uair trom-inntinneach gu leor; ’s mar bu trice, an uair a gheibheadh fear dhiubh e-fhéin anns an staid sin, air eagal dragh-inntinn a chur air an fhear eile, ’s mar an ceudna air son smaointean na b’ fhallaine ’dhùsgadh suas, thogadh e air ’s rachadh e cuairt air feadh na coille. Ann an sin bhiodh e cinnteach á biadh smaointean ùr fhaotainn á cridhe nàduir, nach do rainig lamh duine fhathast, ged a bha i am maoidheadh aig laimh. Air latha geal, grianach, reota, ’s an geamhradh air tighinn a stigh gu math, bha Calum ’ga fhaighinn fhéin anns an staid inntinn sin. Thog e leis an gunna, ’s ann an tiota bha e á sealladh am measg nan craobh. Greis na dheigh sin thog Aonghas e-fhéin air, ’s lean e lorg Chalum. Lean e i mìle na dha ’san t-sneachda, agus thainig e gun fhios air Calum na shuidhe air craoibh a bha na sìneadh, ’s a dhruim ri te eile. A réir coltais cha deach aige air a smaointeanan a chumail air na bha ’g a chuartachadh, oir bha e le guth tiamhaidh a seinn an òrain a leanas, ris an can sinn “A Ghàidhealtachd àluinn”— O, ’Ghàidhealtachd àluinn, nan àrd-bheann ’s nan glinn, Nan gorm-choilltean blàthmhor tha fàs na do thir: Tha ’n diugh ’chuid a’s fhearr dhith na fhàsaich ’s na fhrith, ’S tha caoirich an àite nan àrmunn b’ fhearr brigh. Tha ’n sluagh bh’ ann air fhàgail, ’s gach cearn chuir iad linn, Gun d’ fhuair iad a bhàrlinn ’n deigh annradh fo chis, A dh’ fhuadaich thar sàil iad, gun fhàirdinn, gun ni; ’S tha dùthaich mo ghràidh ’dol fo ghràisge gun chli. Ach dé dh’ fhàg na Gàidheil cho sàmhach ’s cho min? Nach d’ dhùisgeadh an nàdar, mar b’ àbhaist ’san t-stri? ’S le aontachadh làidir, mar bha iad ’s gach linn, Gun cumte buaidh-làrach na thràth dhaibh le cinnt. ’S e tir nam beann àrda ’thug bàrr air gach tir, Le fraoch ’s glaine fàileadh a fàs air gach druim; ’S gur boidheach na bàigh tha ’s gach àite na d’ thir; ’S tha maoin na do shàile thog sàr-laoich ’s gach linn. Tha ’n oigridh ’s gach àite chaidh àrach na d’ fhonn, ’S far ’m b’ fhaoilidh luchd-àitich na làraichean lom; Cha chluinntear ann Gàilig,na dàin air ’m bith loinn, Ach glaodh chaoirich-bhàna, na gàirich nan tonn. Tha pàirt dhiubh ’s gach àite ’bheil nàmhaid ri foill, Le ’n dluth osain ghearra, ’thug bàrr air na Goill; Bu shiubhlach air blàr iad, ’s bhiodh nàmhaid gun chonn Nan sineadh ’san àraich le lamhach nan sonn. ’S gach cunntais thug càch dhuinn air blàraibh bhiodh trom, Bha biuthas nan àrmunn gle àrd anns gach fonn; Gun churam romh ghàbhadh—fir thàbhachdach, throm, Dha ’n dùthchas a’ Ghàilig—sid cànain nan sonn. Bu lionmhor Balàam bha ri fàbhachd gun bhonn, Gu siubhladh a Ghàilig gun dàil as an fhonn; Bho thùs bha i làthair, gun fhàillinn na com, ’S cha chaochail gu bràth i, gun tràthar gach tonn. O, ’Ghàidhealtachd àluinn, nan àrd-bheann ’s nan glinn! ’Nuair chiaras mo lath ’s bhios am bàs rium a stri, Bu mhiann leam bhi ’n tràth sin le ’m chàirdean na d’ thir, ’S mo shuain bhi gu bràth ’n gleannan àillidh mo chri’. Chum Aonghas e-fhéin am falach gus an robh Calum reidh dhe ’n òran so. An uair a chaidh crìoch air, nochd e e-fhéin ag ràdh, “Gabh mo leisgeul, a Chalum, air son do leantuinn, ach dh’ fhalbh thu gun fhios dhomh, ’s bha toil agam fhìn sgriob a ghabhail cuideachd. Ach, a charaid, a charaid, co shaoileadh air a ghuth thiamhaidh, chianail leis an robh thu seinn an orain ud, gu robh Calum éibhinn mar ainm riamh ort? Tha eagal ormsa gun caill mi mo charaide cuireadach, ma theid e gu bàrdachd, ’s nach fhaic mi nis sealladh air, ach ag osnaich ’sa falbh le solus na gealaich, le ’fhalt fada leughadh na speur, ’s ag éisdeachd dé bhios na h-eòin ag ràdh ’s na flùraichean min-gheal, bòidheach.” “Siuthad, siuthad, Aonghais. Na ’m biodh fios na fàth agamsa gun robh prionnsa mar tha sibhse ga m’ éisdeachd, bha fonn eile air a bhith air m’ òran; ach tha gach cùis gle fhreagarrach fhathast. Bha mise gun phosta suidhichte sam bith san dùthaich so, a chinn cho fàbharrach dhutsa uige so. Tha thu fhéin na d’ righ air an Fhéinn (’s b’e na fiantaichean iad, da rireadh!) ’s bidh mise nis na m’ Oisein agaibh gu bhi luaidh ’ur n-euchdan, los gum bi ’ur n-ainm neo-bhàsmhor!” “’S e gle bheag a bha ri chluinntinn mar n-euchdan ’s na rannan ud, a Chalum.” “Tut, a dhuine! cha robh mi ach a gleusadh mo ribheid, mu ’m meirg i air choinneamh chuspairean a’s freagarraiche. Ach tha mi smaointean, Aonghais, ’s tha e iongantach cuideachd, air cho fior neònach ’s a tha daoine. Nach iomadh uair a fhuair thu thu-fhéin dubhach, trom-inntinneach, gun reusan sam bith, agus aig amanaibh eile, ’s docha ’nuair a bhiodh beagan reusain agad air a bhi mar sin, gheibheadh tu thu-fhéin aotrom, sòlasach, ’s nach b’ urrainn dhut innseadh dhut fhéin car son.” [TD 42] [Vol. 10. No. 6. p. 2] “Cha robh fios agam gun robh na thubhairt mi roimhe cho fior a thaobh mi bhi dol a chall mo chompanach cridheil, a Chalum, ’s na àit’ agam an so creutair iongantach cho stòlda ri comhachaig—uair a bàrdachd ’s ag osnaich, ’s uair a rannsachadh ’s a mìneachadh—le aghaidh cho fad ris a chlobha, mu cho iongantach ’s a tha ’n cinne-daonna, ’s gnothuichean sniomhanach, toinnte eile, a chuir iomadh fear a dh’ ithe an fheoir a- thug ionnsuidh air an réiteach. Tha dòchas agam nach éirich sin dhutsa, a Chalum. Cha ’n ’eil a dhith ort ach do dhinneir. Chi sinn gur e ceathramh féidh air a ròstadh a’s fhearr gus na neòil dhubha, dhuaichnidh sin fhuadach bharr na h-inntinn agad, na ged a bhithinnsa bruidhinn gu latha bealltainn.” “Cha bu don’ idir e, na ’m biodh salann air,” arsa Calum, ’s coltas a bhròin air. Rinn e sin gàire cridheil, a fhreagair gach craobh mu ’n cuairt, ’s a toirt sgaile do dh’ Aonghas san druim, thuirt e ris, “Cha dona ’n comhairleach thu idir, a charaid. Cha b’ olc do ghnothuch ’sa chùbaid, ach thu chumail o dhearbhadh cruaidh. Na ’n rachadh tu uige sin cha seasadh cùbaid iaruinn dhut!” Dh’ fhàg iad an sin Lag-nan-Rann, mar a bhaist Aonghas am bad, ’s thug iad an aghaidhean air a a bhaile. Ma bha ’n corr seanachais eatorra cha chuala sinn; bha ’choille cho tiugh, ’s ceum Gàidhealach aig na gillean. (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. VII. BHA Deridhabar a’ caoidh ’s a’ tuiream ’s a’ labhairt air an doigh so car uine mhath, agus i sior amharc air Codadad, ged nach robh e cluinntinn facal dhe na bha i ’g radh. Ach ged a bha e gun fhaireachadh, cha robh e marbh. Cha bu luaithe a thug i an aire gu ’n robh an anail sios is suas ann ’na ghrad dh’ fhalbh i cho luath ’s bh’ aice do ’n bhaile mhor a chunnaic i fada uaipe air a’ chomhnard, feuch am faigheadh i lighiche. Threoraicheadh gu taigh an lighiche i; agus an uair a dh’ innis i dha mar dh’ fhag i Codadad, ghrad dh’ fhalbh e comhladh rithe. An uair a thainig iad a dh’ ionnsuidh na buthadh anns an d’ fhag i Codadad, cha robh cnaimh dheth ri fhaighinn. Smaoinich iad gu ’n d’ thug uilebhiast air falbh e, agus gu ’n d’ ith i e. Thug so air Deridhabar a dhol gu caoidh ’s gu tuiream buileach glan. Bha truas mor aig an lighiche rithe, agus o nach robh e toileach a fagail ’na h-onar air a’ chomhnard, thuirt e rithe gu ’m b’ fhearr dhi tilleadh do ’n bhaile, agus comhnuidh a ghabhail car uine anns an taigh aige fhein. Dheonaich i so a dheanamh. Thug an lighiche leis i d’ a thaigh fhein, agus ged nach robh fhios aige gu ’m bu nighean righ i, nochd e urram agus caoimhneas nach bu bheag dhi. Rinn e na b’ urrainn e gus a bron aotromachadh, ach mar bu mho a bheireadh e de chomhairlean oirre, is ann bu truime a bha a bron a’ fas. Air lath’ araidh labhair e rithe mar so: “A bhaintighearna, ma’s e bhur toil e, b’ fhearr dhuibh gach mi-fhortan troimh ’n deachaidh sibh innseadh dhomhsa. Innsibh dhomh co sibh, agus ciod i an duthaich do ’m buin sibh. An uair a gheibh mi fios air an t-suidheachadh anns an robh sibh, agus air gach cruaidh-fhortan troimh ’n deachaidh sibh, is docha gu ’n teid agam air comhairle a thoirt oirbh a ni feum dhuibh. Tha sibh ’g ar cur fhein fo amhghair gun stad, agus cha ’n ’eil sibh a’ smaointean gu ’m bheil leigheas ri fhaotainn air son gach galair a’s miosa na cheile.” Thug na briathran so a labhair an lighiche rithe tomhas mor de mhisnich dhi, agus dh’ innis i dha a h-uile car riamh mar a thachair dhi. Agus an uair a chuir i crioch air a h-eachdraidh, thuirt an lighiche rithe: “A bhaintighearna, o ’n a tha cuisean mar a tha iad, ceadaichibh dhomhsa innseadh dhuibh nach ’eil e ceart dhuibh sibh fein a thoirt thairis do bhron ’s do lionn-dubh. Bu choir dhuibh seasamh gu laidir an aghaidh na trioblaid agus a’ bhroin, agus an dleasdanas sin a dheanamh a tha coir agaibh mar mhnaoi air a dheanamh. Tha coir agaibh an dioghaltas trom a dheanamh air na daoine e chuir bhur fear-posda gu bas. Ma thogras sibh fhein, theid mise comhladh ribh far am bheil righ Harrain. Is e righ math agus ceart a th’ ann. Cha bhi agaibh ach innseadh gu soilleir dha mar a chuir a bhraithrean Codadad gu bas. Tha mi cinnteach gu ’n dean e lan cheartas.” “Tha mi ag aontachadh leis a h-uile facal a tha thu ’g radh,” ars’ ise: “is e mo dleasdanas feuchainn ri dioghaltas a dheanamh air son bas Chodadad; agus o’n a tha thusa cho caoimhneil ’s gu ’m bheil thu toileach falbh comhladh rium, tha mi deas gus falbh anns a’ mhionaid.” Cha bu luaithe a thuirt i so na fhuair an lighiche da chamhal deas, agus mharcaich Deridhabar agus e fhein gus a dhol gu ruige Harran. Stad iad aig a’ cheud taigh-osda ’thachair riutha, agus dh’ fheoraich iad de dh’ fhear an taigh-osda an cual’ e an robh naigheachd ur sam bith ann an luchairt an righ. “Tha trioblaid-inntinn ro mhor an cuirt an righ aig an àm so,” ars’ esan. “Bha mac aig an righ, a bha ’fuireach uine mhor anns an luchairt, agus an righ an duil fad na h-uine gur e coigreach a bh’ ann. Cha ’n urrainn duine sam bith innseadh c’aite an deachaidh e, no ciod a dh’ eirich dha. B’i Pirouse, aon de mhnathan an righ, bu mhathair dha. Rinn i h-uile forofhais a ghabhadh deanamh air a shon, ach cha chualas guth no iomradh m’ a dheidhinn. Tha h-uile duine fo churam m’a dheidhinn, oir bha e ’na dhuin’ og ro chliuiteach. Tha da fhichead mac agus a naodh aig an righ o chaochladh mhathraichean, ach cha ’n ’eil a h-aon diubh a thigeadh suas ri Codadad a tha nis marbh. Tha mi ag radh gu ’m bheil e marbh, oir tha e neo-chomasach gu’m biodh e beo fhathast o nach cualas guth no iomradh m’a dheidhinn a dh’ aindeoin na rinneadh de dh’ fhorofhais air a shon.” An uair a chual’ an lighiche an naigheachd so o fhear an taigh-osda, thuig e gu math nach robh doigh sam bith a b’fhearr do Dheridhabar a ghabhail na dhol far an robh Pirouse. Ach dh’ fheumadh iad a bhith air am faicill mu ’n gabhadh iad an ceum ud, do bhrigh gu ’n robh cunnart rompa. Bha aobhar eagail, nan cluinneadh mic an righ gu ’n d’ thainig a’ bhean a bh’ aig Codadad am brathair do’n luchairt, agus gu ’n gabhadh iad amhrus car son a thainig i, gu ’m feuchadh iad ri ’toirt air falbh mu ’m faigheadh i cothrom air bruidhinn ri Pirouse. Thug an lighiche na cuisean so fa near le mor churam, agus cha do dhichuimhnich e gu ’m faodadh e a bheatha fhein a chur ann an cunnart mar an ceudna. Air an aobhar sin thug e air a’ bhana-phrionnsa fuireach anns an taigh-osda am feadh ’s a biodh e fhein a’ gabhail fabhuir aig an luchairt, a chum gu ’n biodh fios aige ciod an doigh bu shabhailte anns an tugadh e i far an robh Pirouse. Chaidh e do ’n bhaile, agus choisich e air a shocair fhein an rathad a bha ’n luchairt, mar gu ’m biodh toil aige an luchairt fhaicinn. Agus mar a bha e ’coiseachd air aghart, thachair bean-uasal air agus i marcachd air miuleid air an robh acfhuinn anabarrach riomhach. Bha aireamh mhor de mhnathan coimhideachd a’ marcachd air miuleidean ’na deigh, agus mar an ceudna saighdearan agus seirbhisich. Mar a bha a’ bhean-uasal so a’ dol air aghart troimh ’n bhaile, bha ’n sluagh gu leir a’ stad air gach taobh dhe ’n t-sraid gus an rachadh i seachad orra, agus a’ taisbeanadh mor umhlachd dhi. Thug an lighiche dhi an t-urram air an robh i dligheach mar a rinn a’ chuid eile dhe ’n t-sluagh. Agus an uair a chaidh i seachad air, dh’ fheoraich e de chaladair a thachair a bhith dluth dha, an e te de mhnathan an righ a bh’ ann. “Is e,” ars’ an caladair, “agus is i an aon is mo air am bheil de mheas aig an t-sluagh, a chionn gur i a’s mathair do phrionnsa Codadad, air an cuala h-uile duine iomradh.” Cha d’ fheoraich an lighiche an tuilleadh cheisdean, ach lean e Pirouse do ’n eaglais, far an deachaidh i a thoirt deirce do na bochdan, agus gus a bhith aig an urnuigh fhollaisich a dh’ ordaich an righ a bhith deante as leith a mhic Codadad. Bha ’n sluagh fo mhor dhragh mu dheidhinn Chodadad, agus chaidh aireamh mhor dhiubh do’n eaglais a dh’ urnuigh comhladh ris na sagairt. Chaidh an lighiche troimh ’n chuideachd gus an d’ raining e am freiceadan a bh’ ann an cuideachd Pirouse. Stad e anns an eaglais gus an do chuireadh crioch air na h-urnuighean. Agus an uair a chaidh Pirouse am mach as an eaglais, chaidh e far an robh aon dhe na seirbhisich, agus thuirt e ris, “A bhrathair, tha diomhaireachd mhor agam ri innseadh do ’n bhana-phrionnsa Pirouse; am bi thusa cho mhath ’s gu ’m faigh thu doigh air mo thoirt ’na lathair an uair a theid i do’n luchairt?” “Ma bhuineas an diomhaireachd sin do Chodadad,” ars’ an seirbhiseach, “theid mi ’n urras gu ’m faigh thu eisdeachd an diugh fhein; ach ma ’s ann mu ni sam bith eile a tha ’n diomhaireachd, cha ’n ’eil feum sam bith dhuit a dhol a bhruidhinn rithe; oir tha a cridhe ’s a h-inntinn suidhichte gu buileach air a mac, agus cha ’n fhuiling i iomradh a thoirt air rud sam bith eile.” Fhreagair an lighiche, agus thuirt e, “Is ann a mhain mu dheidhinn a mic a tha toil agam bruidhinn rithe.” “Ma tha sin mar sin,” ars’ an seirbhiseach, “cha ’n ’eil agad ach ar leantuinn gus an ruig thu an luchairt agus gheibh thu cothrom air bruidhinn rithe ann an uine ghoirid.” (Ri leantuinn.) Calanas. LE K. W. G. THA banas-tighe na mnatha Gàidhlich air atharrachadh cho mòr o cheann leth-cheud bliadhna, tha na seann chleachduinnean air dol uibhir air chùl gu ’m feumar dol air ais gu àm ar sean-mhàthair gu fìor bhanas-tighe Gàidhleach a chur fa chomhair muinntir an là-diugh. Tha so fìor gu sonruichte a thaobh biadh, agus aodach. A thaobh banarachas, am feadh nach ’eil e comasach ìm no càise na ’s feàrr fhaotainn an diugh na bh’ air a cheapaire ’shin ar sean-mhàthair dhuinn ’n ar n-òige—an t-ìm air a chur air leis an òrdaig—am feadh a tha e neo-chomasach uibhir mhùthaidh a thoirt mu’n cuairt ann an giollachd a’ bhainne, gidheadh cha ’n ionann acfhuinn, cha ’n ionann soithichean, cha ’n ionann dòighean a th’ aig a bhanaraich an diugh seach mar a bh’ aig bean tuathanaich, no cuachag na h-àiridh aig toiseach an linn so. ’S iad dòighean, agus briathran ar màthraichean a tha air an cur sìos anns an sgriobhadh a leanas, c’ iù ’tha iad ri fhaotainn ann an leabhraichean no nach ’eil. [TD 43] [Vol. 10. No. 6. p. 3] Far am bheil ainmean ás a’ Beurla—mar, tea, soda, citsin, etc., a tha air tighinn a stigh do ar cànain le nithean ùr, no Gallda, tha iad air an comharrachadh le sgrìob de ’n pheann fodhpa. Tha aineam a tha dol air chùl, agus nach ’eil mòran de ’n mhuinntir òg a làn-thuigsinn, air am mìneachadh air leth. CALANAS. Ainmean ealanta na Gàidhlig air son calanas, agus gach seòrsa obair mu ’n chlòimhe, o ’n rùsg gus an t-aodach deas, glan:—tha so a’ fileadh a stigh ainmean nan dath a tha dùthchasach do ’n Ghàidhealtachd; agus an luathadh. AN OLANN. Ged nach eil sinn a’ gabhail os-làimh seòlaidhean a thoirt seachad tha ni no dhà a’s fhearr a chomharrachadh mu’n obair. Cumaidh e ’chuid a leanas na ’s cruinneala ma théid gach ceum fa-leth de ’n obair a chur aig an fhìor thoiseach. OIBREACHADH NA H-OLAINN. Seòrsachadh na clòimhe; Nigheadh na clòimhe; Tiormachadh na clòimhe; Cìreadh na clòimhe; Armadh na clòimhe; Càrdadh an clòimhe; Sniomh na clòimhe; Crioseadh an t-snàith; Dath an t-snàth; Tachras an t-snàth; Figheadh an t-snàth; Luathadh an aodaich; An Clo a chur “s a’ Choinneal.” NA SEORSACHAN AODAICH COITCHEANN. Breacan de na h-uile seorsa; Cealtair; Clò; Cùbhrainn; Drògaid; Brataichean; Plaideachan; Caimleid; Teamain. A RUSG, AGUS AM MARACHANN. Tha ’n rùsg air a thoirt bhàrr na caora bheò le deamhas a Chìbeir. ’S e am marachann an craicionn a tha air fheannadh bhàrr caora mharbh—c’ iù chaidh a marbhadh, na ’bhàsaich i. Tha craicinn do ’n t-seòrsa so glé bhitheannta air an glanadh air latha nigheadaireachd, anns an t-sapull làidir anns an deachaidh na h-aodaichean geal a bhogadh; an déigh sapull glan eile, agus an sruladh, tha iad air an crochadh air callaid na h-iodhlann gus an sruth iad. An uair a tha iad tioram gu bhi air an spionadh tha an craicionn air a chur air cùl cathair dlùth air an teine—tha e furasd’ an spìonnadh ris a bhlàthas—le craithleag ghlan foidhe, a chum gu ’n tuit gach badan innte mar a spìonar e. Tha ’m bunach a’ fuireach air an t-seiche—de’m bheil beanntag air a dheanamh. Tha a’ chloimhe deas gu ’bhi air a dath. Cha ’n ’eil an olann so air a cunntas cho fhìor mhath ri clòimhe nan rùsg, ach tha i math gu leòir air son co-thlamadh, ann an clò, no aodach cumanta ’s am bith. TEAMAIN AGUS CAIMLEID. B’e ’n teamain aodach grinn, cruaidh, seasmhach air son deise chaonnta shamhraidh nam fear, agus aodach caonnta nam ban aig àm air bith. B’ann deth a bha cleoca ar seanair air a dheanamh, a bha de dhath uaine dorcha, fìor bhòidheach. Tha cuimhn’ againn, mar an ceudna, air còta dheth fhaicinn, gach latha Dònach air seann choimhearsnach còir. Bha ’n còta so mar a tha “Oran Luathaidh” Dhonnacha Bhàin ag innseadh— … “Brionnach, ballach, ciatach, Triuchanach, stiallagach, gathach; Snath cho ruithinn ris na teudan, ’S e cho réidh ’s a dh’ fheudte shnaitheadh: Cha robh pluc, no meall, no gaog ann, No gìog chaol, no sliasaid reamhar.” B’ ann de bhreacan Chlann-Choinnich a bha e, ’s bu shnasmhor, bòidheach, mìn an t-aodach a bh’ air an t-seann duine. Bha ’n Teamain air a dheanamh de’n olann a b’ fhaide ’s a bu ghrinne; bha i air a clàdadh ás a’ chuid eile. Bha a’ chlòimhe air a h-oibreachadh anns gach dòigh mar an lìon, ach gu’m b’ e “clàd” a b’ ainm do sheiceal na clòimhe. Bha ’n clàd mu o òirlich air fad, le dealgan fada iaruinn, crom aig am bàrr; bha e cìreadh na h-olainn an àite nan càrdan a bha air son na h-olainn eile. Cha robh a’ chloimhe air a deanamh ’n a rolagan, ach ’na boitein, air a cur air cuigeal, agus mur a robh cuibheal-lìn a stigh, rachadh a’ chuigeal a shuidheachadh gu daingionn os-ceann a chirein, anns a’ chuibheal choitchionn. Bha ’n snàth air a thoinneadh gu cruaidh caol, am feadh a bha a’ bhan-shnìomhaiche a’ coiseachd air ais ’s air adhart, mar aig sniomh an lìn. B’ ann leis an t-snàth chruaidh, chaol so a bha ’n t-aodach olainn uile air fhuaigheall. Theirteadh “snàth-toinnte” ris, agus bha e cho caol ri snàth-lìn. Bha ’n t-aodach so bitheanta ’n a bhreacan dorcha-dearg, agus dubh-ghorm, le dà shnàithne geal, na buidhe, a’ ruith tarsuing trompa gach rathad. Bha ’n teamain air a dheanamh aig an tigh air an doigh so, de chlòimhe a mhàin, agus drillseagach coltach ri sioda “moire.” Ach bhatar a’ dol timchioll air deanamh an aodaich so air dòigh eile. Rachadh an olann a chlàdadh, ’s a shniomh, agus fhigheadh; an sin rachadh an t-aodach a chur do mhuileann Gallda gu bhi air a dhath, a luathadh, agus a ghrinneachadh. B’ i so a’ chungaidh ris an abradh ar màthraichean “Caimleid.” Gheibhear an seors’ aodaich so—air a dheanamh anns gach ponc a réir an dòigh so—anns na muileann mora Gallda fo ’n ainm Woollen. LUATHADH AN AODAICH. Tha eadhoin am muileann-luaidh air dol air chùl an ioma àite, gun ghuth air na mnathan a thòiseachadh air an obair, a chionn tha ’chlòimhe air a càradh air falbh dìreach mar a tha i air tighinn bhàrr na caora, a dh’ ionnsuidh nam muileann Gallda. Ach faodar an obair so fhaicinn fathasd anns na h-eileanan, far am bheil na mnathan, mar a b’ abhaist, cha ’n e mhain a’ snìomh, a’ dath, ’s a’ luathadh, ach a’ figheadh an aodaich, agus gu bitheanta a’ toinneadh snàth nan stocaidh leis an dealgan. Ann am paipeir a chaidh a leughadh aig “Céilidh nan Gàidheal,” le Iain Mac Phàidein, ann an Glasacho air a’ Gheamhradh ’chaidh thairis, tha cunntas cho taitneach air an obair so, gu ’n toir sinn cuid deth seachad an so. Tha e ’g ràdh: “Bha atharrachadh dòigh aca air luathadh ann an cuid do àiteannan seach àiteannan eile, ach cha ’n fhaca mi riamh ann am Muile ach an cliath. Rachadh an dorus mor a thoirt bhàrr nam bannaibh—bha cliath air a cur ’na sìneadh air fuirm, cho ìosal ’s a ghabhadh i cur, ach gu ’m feumadh i ’bhi cho àrd ’s gu ’m faigheadh iad an glùinnean a stigh foidhpe, bha so a’ toirt an tuille cothrom dhoibh air buillean a bu truime ’thoirt air a chlò, agus chluinnte faobhar trom a’ chléith’ a’ freagairt ris gach fonn a bha iad a’ seinn, agus bu taitneach a cho-sheirm a dheanadh iad agus b’ iongantach an co-chòrdadh anns an seinneadh a h-uile guth a bhiodh an sud. Oraid Ghailig. LE UILLEAM MAC AOIDH. BHA an òraid so air a labhairt aig co-sheirm Comunn Gailig Inbhirnis, a bha air a cumail air a 25mh latha dhe’n mhios a chaidh seachad. B’ e Mac-an-Toisich, ceann-feadhna na fine, a bha ’sa chathair. ’Ic-an-Toisich agus a chairdean,—’Nuair a dh’ iarr co-chomhairle a Chomuinn Ghailig orm facal no dha thoirt dhuibh an nochd ’s an t-seann chanan, cha robh mi idir toilichte sin a dheanamh, oir bha fior fhios agam gu ’n robh iomadh fear ’s a’ chomunn a chuireadh a’ chuis air a chulthaobh moran ni b’ fearr na chuirinn-sa. Ach ’s ann a fhreagair mo sheann charaid, Donnachadh Mac-an-Toisich, run-chleireach a’ Chomuinn, gur mi bha faoin a bhi ri leithid a’ bhruidhinn, oir gur mi a sgriobh a cheud oraid Ghailig chaidh riamh a leubhadh do ’n Chomunn, agus gur e-fhein ’us mise, agus gruagach no dha, a sheinn a cheud oran Gailig a chaidh sheinn ’s an talla so. Bha Donnachadh ceart gu leoir—ach chaidh deich bliadhna fichead thairis oirnn o ’n am ud, agus air mo shon fhein cha ’n ’eil mo theangadh a nis cho subailte ’s a’ Ghailig ’s a bha i. Ach, coma co dhiubh, ’nuair a runaicheas an run-chleireach gun sgriobh no gun labhair thu, cha dean e feum ’s am bith dhut a dhol ’na aghaidh; agus, le sin, tha mise an so an nochd. Deich bliadhna fichead! Cha ’n olc an aois sin do ’n Chomunn Ghailig. Air an ceathramh latha de mhios mheadhonaich an fhoghair 1871 leubh Gaidheil Inbhirnis na facail so ’s a’ Chourier”—facail, faodaidh mi innse, a chuir mi-fhein do ’n phaipeir:—“Tha e air a runachadh Comunn Gailig a chuir suas anns a bhaile so; uime sin, tha e gu h-araid air iarraidh air gach neach leis am miannach an gnothach fhaicinn a soirbheachadh, cruinneachadh ann an Seomar Uachdarach Co-chomuinn nan Daoin’ Oga aig ochd uairean an nochd (Diardaoin).” Chaidh a’ choinneamh a chumail, agus chaidh an Comunn a chuir air bonn, agus, mar tha sibh a faicinn, tha e beo fhathast. Anns na laithean a chaidh seachad shoirbhich e gu ro shonruichte, agus cha ’n e mhain gun do chuir e a mach moran leabhraichean, ach rinn e moran ann an iomadh doigh gu cliu na Gailige ’thogail, agus tha meas air an t-seana chanain a nis anns gach cearnaidh dhe ’n t-saoghal. Tha daoine foghlumta ga h-ionnsachadh ann an tiribh cein, agus tha paipeir naigheachd a tighinn gar n-ionsuidh gach seachdan a Canada—Mac-Talla—anns nach ’eil facal Beurla. Chaidh an lath’-roimh paipeir Gailig eile a chuir air bonn ’an Siorrachd Obaireadhain le oganach uasal a tha ro chruaidh air taobh na canain—Stiubhart Raudri Ersein. Ach ma rinn an Comunn gu maith, is mor chaill e air an t-slighe. C’ait a nis am b’eil ’na bh’ aig a cheud choinneamh o chionn deich bliadhna fichead? C’ait am b’eil Tomas Mic-Coinnich, Sgoil-an-Tuim; Alasdair Dalais, cleireach a bhaile so; Iain Mac-an-Toisich, Old Academy; Alasdair Mac-Coinnich, Clachnacudain; Aonghas Domhnullach, ceud bhard a’ Chomuinn; agus Rob Domhnullach, maighstir-sgoil na Gailige? Tha, mo chreach, anns an dachaidh bhuain. Thuit iad, fear an deigh fear, mar a thuit cuideachd Tighearna Chluainidh, Sir Coinneach Ghearrloch, Dr MacLachuinn, Dr Stiubhart, an t-urramach Anndra Mac-Coinnich, an t-urramach Alasdair Mac-Griogair, Tearlach Friseil Mac-an-Toisich, Professor Blackie, an siorradh Domhnullach, Cailean Siosal, agus iomadh sonn eile a chuidich leinn ’s na laithean ’chaidh seachad. Tha ’n sealladh air ais, mar sin, ’na shealladh cianail; ach tha aobhar taingealachd againn gu’m b’eil cuid dhe na bh’ aig a’ cheud choinneamh an lathair fhathast. Tha Iain Mac-Mhurchaidh air taobh nan Gaidheal mar a bu dual; tha Iain Domhnullach, an Exchange, cho smiorail ’s a bha e riamh; tha Uilleam Mac-Coinnich a cumail ceart na croitearan; tha Seumas Barain, a stiuradh a’ “Chourier;” ’se Donnachadh Mac-an-Toisich, runaire a’ Chomuinn; tha mo brathair Tearlach fhathast a caitheadh nam brog; agus tha mi-fhein mar tha sibh ’ga m’ fhaicinn. Re nam bliadhna a dh’ fhalbh dh’ eirich daoin’ oga ’n ar measg a tha tapaidh agus foghlumta, agus chaidh fear dhiubh, Alasdair Mac-Bheathain, a dheanamh ’na dhochtar le Oil-thigh Obair-readhain o chionn ghoirid, air bhonn eolais na Gailige. A chairdean, tha ’n Comunn da rireadh a soirbheachadh, agus cha ’n ’eil sinn ag iarraidh an nochd ach gu ’n cuidich na daoin oga sinn gu dileas ris, agus gun lean iad gu dluth ri cliu an sinnsre. [TD 44] [Vol. 10. No. 6. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OGUST 9, 1901. Tha Breatunn, Canada agus Australia a’ cur mu dheidhinn càball dealain a leagail anns a’ Chuan Chiùin eadar Canada agus Australia. Tha Breatunn a’ dol a phàigheadh da mhillein punnd Sasunnach dhe ’n chosguis, agus pàighidh Canada agus Australia an cuid féin. Cha bhi cuid Chanada os ceann ceithir millein dolair. ’Nuair a bhios an càball so air a leagail, faodar fiosan a chur ceithir thimchioll an t-saoghail, gun a dhol troimh dhùthaich na àite sam bith nach eil fo chrùn Bhreatuinn. Tha Breatunn agus a colonies gun teagamh a teannadh dlùth ri chéile. Tha riaghladh Shina air son cis an opium a tha dol a stigh do ’n dùthaich sin àrdachadh, ach cha ’n aontaich Breatunn ri sin, air eagal gu ’n cuirear maille air malairt an stuth sin anns na h-Innsean. Tha an t-opium na stuth cronail, agus bha riaghladh Shina deònach o chionn fhada a chumail as an dùthaich gu buileach, ach cha cheadaicheadh Breatunn sin; agus chaidh i aon uair a chogadh air son am malairt truaillidh a sparradh air na Sineich gu b’ oil leotha. Tha e ’na ni nàr do Bhreatunn a bhi deanamh a leithid so, agus bidh dòchas aig daoine nach fhada gus an sguir i ghabhail làmh ann an gnothuch cho aingidh. Tha e nis air innse nach eil cinnt sam bith gu bheil am bàrr anns na Staidean cho fior dhona ’s a bhatar ag ràdh. Tha còmhlan dhaoine ann am baile New York a bha gu dichiollach a’ sgaoileadh na droch naigheachd a chum ’s gu ’m biodh pris an t-sil air àrdachadh, agus gu ’m biodh cothrom aca féin air tuilleadh saoibhreis a dheanamh. Tha e car neonach gu ’n rachadh aca air an fhirinn mu ’n chùis a chumail air ais, ach tha e coltach gu ’n teid. Tha cuid de dhaoine a mìneachadh nan naigheachdan mu ’n bhàrr a tha tigh’nn as na Stàidean an Iar mar so: Nuair a bhios na fiosan ag radh gu bheil “call” air a dheanamh air a bharr, cha ’n eil call idir ann; nuair a their iad gu bheil “call mor” air a dheanamh, tha call beag ann; agus nuair a their iad gu bheil “call iomlan” air a dheanamh air, tha an call cuimseach mor. Cha ’n eil teagamh nach eil am mìneachadh so gu math fior a thaobh nan Stàidean, ach tha aobhar againn a bhi taingeil nach eil, gu ruige so co-dhiu, feum sam bith air luchd-mìneachaidh air son nan naigheachdan a thig á taobh an Iar Thuath Chanada, oir tha na fiosan sin fior gu leor, agus cha ’n eil duine no daoine sam bith gan uisneachadh air son am pòcaidean féin a lionadh. Air an t-seachdain s’a chaidh chuir a’ Phàrlamaid Bhreatunnach ceud mile punnd Sasunnach air leth air son a bhi air a thoirt do ’n Mhorair Roberts mar dhuais air son a dheagh obair mar cheannard airm ann an Africa mu Dheas. Gun teagamh sam bith bu mhath a choisinn Roberts a dhuais, agus cha robh an t-suim a thugadh dha idir tuilleadh us mor. Mur biodh a sheanailearachd-san, bha na Boerich air Kimberley agus Ladysmith a ghlacadh, agus daor ’s gu robh an cogadh mar a bha e, bhiodh e na bu ro-dhaoire na ’m biodh aig an arm Bhreatunnach, a bhàrr air na rinn iad, ris na bailtean sin a chosnadh bho na naimhdean; bhiodh an cogadh moran na bu leantalaiche, agus na b’ fhuiltiche na bha e. Chaidh na Boerich am misneach gu mor nuair a thuig iad nach robh e ’nan comas aon de na bailtean daingnichte Breatunnach a ghlacadh. Cha deachaidh guth a thogail anns a Phàrlamaid an aghaidh an airgeid so a shuidheachadh air a mhorair ach le cuid de na buill Eirionnach. A reir fios a thainig á Halifacs an la roimhe, tha taghadh pàrlamaid gu bhi againn ann an Nobha Scotia an ùine ghoirid. ’S ann dh’ ionnsuidh nam paipearan a tha air taobh an riaghlaidh a thainig na fiosan an toiseach, agus mar sin saoilidh sinn nach eil iad fada ’m mearachd. Cha ’n eil e coltach gu ’m bi cath ro-shearbh ann air an turus so, ach cha bhi moran duilich air son sin. Tha an latha air a dhol seachad anns am biodh daoine a’ cur a mach air a chéile a thaobh taghadh luchd-pàrlamaid, agus is math gu bheil. Is aon aobhar sin a bhi mar sin nach eil anns na bliadhnaichean so ceistean cho cudthromach ri ’m fuasgladh ’sa bha anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh; agus aobhar eile—an t-aobhar a’s motha—gu bheil daoine air fàs na ’s glice anns an dòigh so na bha iad—na ’s comasaiche air fhaicinn gu ’m feum caochladh bharailean a bhi aig caochladh dhaoine, agus gu ’m bheil e comasach do dhaoine bhi eadar-dhealaichte nam beachdan a thaobh nithean aimsireil agus spioradail, agus an deigh sin a bhi nam fior chàirdean. Ged a tha tiormachd mhor anns na h-Innsean fhathast, cha ’n eil a ghorta cho mor ’sa bha i. Cha ’n eil a nis ach mu leth millein sluaigh nach eil comasach air iad féin a bheathachadh, agus tha am biadh a’ fàs na ’s pailte gach seachdain, agus cunnart na goirte dol na ’s lugha. REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A. W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 45] [Vol. 10. No. 6. p. 5] Naigheachdan. Feasgar Di-luain s’a chaich chaochail Ban-phrionnsa Rioghail Bhreatunn, bantrach Frederic I., Iompaire na Gearmailt. Bha i tinn o chionn treis a dh’ ùine, agus a’ fulang cràdh mor le cansair a bha anns an amhaich aice, a cheart euslaint leis ’n do chaochail a céile an 1888. Bha i tri fichead us aon bhliadhna dh’ aois. B’ i an t-aon bu shine de chloinn Banrigh Victoria, agus b’i mathair an Impaire tha aig an àm so air a’ Ghearmailt. Bha i comharraichte air son buadhan àrd inntinn, agus bha meas mor oirre ann am Breatunn. Chuir sinn àireamh mhor chùnntas a mach o chionn ghoirid gu luchd-gabhail MHIC-TALLA. Tha dòchas agus dùil againn ri fios-freagairt fhaotainn do gach aon dhiubh an ùine ghearr, agus an t-suim dhligheach anns gach fios. Cha ’n eil am paipear ’ga chur am mach gun chosguis mhor, agus cha bhiodh e iomchuidh d’a chàirdean a tha air deireadh na phàigheadh a leigeil air diochuimhn nach eil seachdain a ruith gun a cuid féin de ’n chosguis sin a bhi ri sheasamh. Ma ’e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach, mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, ’s e am pàigheadh tràth am pàigheadh math. Beagan cheudan bliadhna air ais cha robh baile air an t-saoghal a b’ ainmeile na Venice, an ceann a tuath na h-Eadailt. Bha na ceannaichean bu bheairtiche ’s an Roinn-Eòrpa ann, agus bha malairt nan dùthchannan air fad air a dheanamh ann. Bha Venice air a thogail air an uisge, agus an àite shràidean ’s e bh’ ann sligheachan-uisge air an robh daoine air an giulan air ais ’s air aghart ann am bàtaichean. Dh’ imich a ghlòir bho Venice iomadh bliadhna air ais, agus a nise tha e air innse gu bheil am baile féin, a lion beagan us beagan, a’ dol fodha, agus gu bheil e ro-choltach gu ’m bi e ri ùine air a shlugadh suas gu h-iomlan. Ma ’s fior sgeòil muinntir a tha ’gabhail orra féin a bhi fiosrach mu ’n chùis, cha d’ fhuair an luchd-àireamh uiread sluaigh an taobh a stigh de chriochan a’ bhaile so ’sa bha cuid an dùil a gheibheadh iad. Bha moran am barail nach biodh na bu lugha na coig mile deug ann, ach ’se fhuaireadh, a reir an fhathuinn, nach eil uile gu leir deich mile ann. Bidh àireamh an t-sluaigh a bhi cho beag so na thigh’nn a nuas do luchd nan gnothuichean mora, ach ’s i ar barail nach bi e ’na mhealladh sam bith dhaibhsan a bha ’gabhail beachd tuigseach air fàs agus meud a bhaile. Tha na miltean moran na ’s motha na tha a mhor chuid an duil. Aig na Coke Ovens, Di-ciaduin, loisg Eadailteach d’ an ainm Falco Scino air dithis eile a bha cluich chairtean comhla ris. Tha fear dhiubh air a leònadh cho dona ’s gu bheil coltas air nach bi e beò. Cha ’n eil am fear eile air a leònadh cho dona. Bha Scino air a ghlacadh ’s tha e nis anns a’ phriosan. Tha àireamh de thaighean-òil timchioll nan Coke Ovens anns am bheil gach seorsa mi-riaghailt a dol air adhart; agus cha ’n eil sinn a’ creidsinn, nan deanadh luchd-riaghlaidh a bhaile an dleasdanas, nach gabhadh iad dùnadh. Gu dearbh, cha ’n eil an ùine fada o’n chaidh innse dhuinn ’s na paipearan gu robh gach taigh dho ’n t-seòrsa bha ’sa chearna sin dhe ’n bhaile air a dhùnadh le àrd-mhaor a bhaile. Ach ma bha sin fior, cha robh iad fada gun fhosgladh. Chaidh Bernard, mac an Dotair R. C. Mhic Leòid, aois cheithir bliadhna, a bhàthadh aig Sidni Tuath Di-sathairne s’a chaidh.—Bha Gilleasbuig R. Mac Eamuinn air a bhàthadh aig Loch Mhic Eamuinn air an latha cheudna. Bha e ’g obair le each us cairt air a chladach, agus air dha bhi ’gan cur an comhair an cùil do ’n loch, chaidh iad ro-fhada mach, agus bha esan air a bhàthadh. Cha robh ann ach duin’ òg, còig bliadhna fichead a dh’ aois. Di-sathairne s’a chaidh chaochail bantrach òg Thomais C. Mhoxhaim, a bha air a mharbhadh aig an obair-iaruinn air a choigeamh latha dhe ’n Og-mhios. Cha robh i tinn ach latha no dha, agus cha robh dùil sam bith ri a bàs. Chaochail am pàisde cuideachd. Cha robh i ach tri bliadhna fichead a dh’ aois. Thainig a h-athair ’s a màthair as na Staidean air dhaibh fios fhaotainn mu ’tinneas, ach rainig iad beagan uairean ro-anmoch air son a faicinn beò. Bha i air a toirt air falbh maduinn Di-màirt gu bhi air a tiodhlacadh ann an Louisville, Kentucky. Tha a bàs ’na bhàs ro-mhuladach, a’ tachairt ùine cho goirid an deigh a céile bhi air a mharbhadh. Tha na paipearan air an t-seachdain so ag innse sgeul air gaol ’s air cabhaig nach eil air a dheònachadh do mhuinntir nan dùthchannan tuathach so a leithid a chluinntinn ach fior ainneamh. Chaidh fear Aonghas Mac-a-Ghobha, a mhuinntir taobh tuath nam Forks, a mach do Ghlace Bay Di-sathairne, agus chuir e eòlas ann an sin air ribhinn a bha cho maiseach ’na shealladh ’s gu ’n do thuit e air ball ann an trom ghaol oirre. Bha esan a cheart cho maiseach na ’sùilean-se, agus ghabh i gaol a cheart cho mor air. Rinneadh an réiteach an oidhche sin fhein, agus an la-iar-na-mhàireach—Di-dònaich—rinneadh am pòsadh le Maighstir Seumas Gillios, sagart Ghlace Bay. Cha ’n eil sinn a creidsinn gu bheil pears’-eaglais eile air an eilean d’ am bu shochair riamh càraid a phòsadh mu ’n robh ceithir uairean fichead air ruith an deigh dhaibh an ceud eòlas a chur air a cheile. Cha ’n urrainnear a ràdh gu’m b’e gòraiche na h-òige bha cur air a’ chàraid so, oir tha iad le cheile air a dhol deich no dusan bliadhna thairis air an tri fichead. Bha clach-oisinn taigh-na-cùrtach air a leagail feasgar Di-ciaduin. Aig da uair chruinnich buill comhairlean na siorrachd agus nam bailtean aig seann tigh-na-cùrtach, agus choisich iad gu taigh-òsda Sidni, far an deachaidh an Riaghladair Jones nan cuideachd, agus á sin choisich iad gu làrach an taighe ùir. Bha an Warden LeVatte air ceann na coinneamh. An deigh òraid ghoirid a labhairt leag an Riaghladair a chlach “gu direach agus gu math,” agus sgaoil a chuideachd. Bha bocsa copair air a chur fo ’n chloich anns an robh àireamh de nithean air an cur—buinn airgeid, stampaichean, clàir sgriobhte, air an robh ainmean luchd-dreuchd na siorrachd agus na dùthcha, agus àireamh dhe gach paipear a thatar a cur a mach ann an Ceap Breatunn, am measg chàch MAC-TALLA. Bha an soitheach-cogaidh Indefatigable anns an acarsaid, agus bha sgioba de na seòladairean aig an làraich, agus piobaire ’s an deise Ghàidhealaich air an ceann. Cha robh àireamh mhor sluaigh cruinn, ach bha na bh’ ann gle rianail, agus chaidh gach ni air adhart gu h-òrdail. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. [TD 46] [Vol. 10. No. 6. p. 6] Ath-leasachadh. LE DOMHNULL MAC EACHARN. Bho cheann beagan bhliadhnachan thainig mi trasd air Eachraidh an ath-leasachaidh mhoir sin a rinneadh air an Eaglais, mu thuaiream dluth air Tri ceud gu leth bliadhna roimhe so. Rinn an leabhar drughadh anabarrach orm. Bha ’n t-ughdair cho deas-bhriathrach ’s cho soilleir ’na chunntas air gach ceum anns an uspairn chruaidh a bha ’n sin ’s nach b’ urrainn dhomh gu’n aontachadh leis gach facal. Rinn e na daoine ’ghabh pairt air taobh an ath-leaaschaidh cho mor agus cho fiachail, ’s gu’n robh mi ann am inntinn fhein ’gam faicinn mar “chraobhan ag imeachd;” ’s a’ mhuinntir olc agus rag mhuinealach a bha ’seasamh ’nan aghaidh, cho snarach agus cho dimeasach ’s gu’n duraichdinn an saltairt fo m’ chasan. Mu’n do chuir mi crioch air leughadh an leabhair, bha m’ fhuil air ghoil am chuislean; m’ fhaireachduinnean air an luasgadh air chor ’s nach b’ urrainn domh an ceannsachadh. Bhreab mi ’n cu, ’s thilg mi ’n cat a mach air an uinneig, ’s na’m biodh a chridh’ agam, bheirinn achmhasan garbh do bhean-an-tighe, co-dhiu a bha ’s nach robh i ’ga thoilltinn. Dhuisg, mar so, dealas mor annam, a chum gach ni a bha cearr a chur ceart, is aimheal nach bu bheag orm nach robh mi lathair ’nuair a bha obair an ath-leasachaidh mhoir so a’ dol air a h-aghairt, air chor ’s gu’m biodh cothrom agam air pairt a ghabhail innte. Ghabh mi comfhurtachd o’n smuain, gu’m faod ni no dha bhi air aghaidh na talmhainn fhathast nach bu mhisde beagan ath-leasachaidh a dheanamh orra, ’s gu’m b’e mo ghnothach-sa sealltainn a mach ’s an ni a bha cearr a chur ceart. Dh’innis mi do bhean an tighe an ni a bha ruith ’am bheachd. Thuirt i rium, gu’m b’ fhearr dhomh ’n toiseach, mo dhroch chleachdainnean fhein ath-leasachadh. “Mo dhroch chleachdainnean fhein,” arsa mise, ’s mi ’gam thachdadh leis an ardan. “Seadh,” ars ise, “na’n sguireadh tu a dheoghal na pioba sin nach teid as do phluic o’n a dh’ eireas gus an laidh thu, dheanadh tu toiseachadh math le t’ ath-leasachadh.” “Dad eile?” arsa mise, ’s mi mothachail air an droch shathadh a fhuair mi. “Tha ni no dha eile cho mi-chiatach ris a’ phiob,” ars’ ise. “’Nuair a theid thu ’dh’ iarraidh coingheall leabhraichean air a’ Chaimbeulach, cha ruig thu leas tigh’n dachaidh le feith-ghair air t’fhiacail;’s ’nuair a theid thu dh’ fhaicinn Mhic Fhionghain, cha ruig thu leas fanachd leis gu da uair ’s a’ mhadainn.” Cha robh idir crioch aic’ air a’chuisd[?]tidh, ’nuair thainig steall de dh’ uisge goileach mu’m ladhran-sa a coire bha ise toirt bharr na teine. Thug sin orm leum gu beothail gu taobh eil’ an tighe. Thilg mi dhiom mo chaiseart, ’s chunnaic mi ’s a’ mhionaid gu’n robh mi air mo dhroch sgaldadh. Shuath mi ola ri m’ chois ’s shin mi uam air sorchan i, ’s mi ’g am phianadh leis an doruinn. Chual’ an cu bochd mo ghearan, ’s e fhein ’s an cat a’ cumail cuideachd ri cheile ’s a’ gharadh, far an robh iad a’ gabhail didean o stoirm an ath-leasachaidh ris an do chuir mise mo lamh. Thainig e ’na ruith, ’s e tuigsinn gu’n robh rud-eigin cearr. Leig mi fhaicinn da mo chas, ’s thoisich a’ bhruid bhochd air a h-imlich, ’s thug sin faochadh dhomh. ’Nuair a fhuair mi m’ anail, thug mi achmhasan garbh do bhean-an-tighe air son cho beag suim ’s a bh’ aice mu’m dheighinn. ’S ann a rinn i glag gaire, ’g radh gu ’m b’e sud a’ cheud uair a chual’ i iomradh air duine ’bhi air a sgaldadh le uisge fuar. “Fuar!” arsa mise, “bha e dearg ghoileach!” “Bha e,” ars ise, “cho fuar ’s a thainig e as an sput; ’s ann ’ga chur air an teine g’a theasachadh a bha mi ’nuair chaidh an dileag sin mu d’ chasan.” Sheall mi na bu dluithe air an lot, ’s ged a bu duilich leam aideachadh, chunnaic mi nach robh an sgiorradh, uile gu leir, cho docharach ’s a shaoil mi, ach chuir an ni a leithid de dh’ antlachd orm ’s gu’n tug mi mi-fhein as an rathad. Latha no dha ’na dheigh sin, thug mi fainear gu’n robh saod anabarrach math air bean-an-tighe. Cha b’ urrainn dhomh ’thuigsinn ciod a bha cearr; oir faodaidh sibh a bhi cinnteach, ’nuair a bhios aoibh air bean-an-tighe gu bheil gabhdan beaga ’thaobh-eigin ’na h-aire. Mu dheireadh, thuirt i—’s sin air dhoigh cho caoin-shuarach ’s ged nach biodh ni fo’n ghrein aic’ air a chul, gu’m fac i Mr Morrison, a bhean ’s a chlann, a’ fagail an tighe ’s a’ mhadainn, ann an carbad-da-each; ’s gu’m fac i Mr Munro ’sa theaghlach a’ falbh an la roimhe. “C’ aite,” arsa mise, “’n robh iad a’ dol?” “Nach robh thun an t-saile,” ars’ ise. Thuig mi’ s a’ mhionaid ciod a bu chiall do’n t-sid fheathail a bh’ againn. Chuir mi mo lamh ’am phoca ’s gun mi mothachail air ciod a bha mi a’ deanamh; ach cha ruiginn a leas, cha robh an sin na bheireadh ach astar gle ghoirid o’n bhaile sinn, ged a ghabhamaid giulan cho iomchuidh ri bararoth, gun ghuth air carbad da each. Bha fhios agam aig a’ cheart am, nach leigeadh ise dhith an ni a bha ’na beachd, agus b’e sin dol thun an t-saile, ciod ’sam bith a chosdadh e. Thuirt mi-fhein, nach bu leir dhomh aobhar air dol thun an t-saile ’m bliadhna, bho’n nach robh dad cearr air a’ chloinn. “Nach ’eil,” ars’ ise, “na’m biodh tu ’g an eiridinn mar tha mise, bhiodh fhios agad air sin. Dh’ fhaodadh tu fhaicinn nach ’eil Deorsa ’g itheadh na chumadh an deo ’am breac-an-t-sil; ’s nach do chinn Domhull aon oirleach bho cheann da bhliadhna; ’s tha casan Raibeart a’ fas cho brabhdach ’s gur gann a theid aig’ air coiseachd; ’s Caitriona—” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Seall an so air son SANUS UR Air an ath Sheachdain. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 47] [Vol. 10. no. 6. p. 7] “O’ stad, stad, air ghaol an Fhreasdail,” arsa mise, “ma tha uidhir sin de thrioblaid ’nam measg, nach ann a bu choir dhuinn dol do’n Fhraing leo?” Ghabh sinn tigh shios aig taobh an t-saile, ’s cha b’e sin an salann saor. ’Nuair a shuidhich sinn sinn-fein ’an sin thoisich mis’ air cumail mo shuil ri fuaradh dh’ fheuch am faicinn ni ’sam bith ’am feum ath-leasachaidh. Cha b’ fhad ach gus an d’ fhuair mi sin. Bha tigh eile ri ceann an tighe ’san robh sinne, ’s bha’n roinn-bhalla, eadar na tighean, cho tana ’s gu ’n cluinnte san darna tigh a’ mhor-chuid de na theirte ’s an tigh eile. ’Se duine gle riasgail a bha ’nar coimhearsnach, ’s co-dhiu a bha no nach robh an t-ablach mnatha aige ’ga thoilltinn, bhiodh e toirt ruith mharbhaidh oirre ’n drast ’s a rithist. Latha de na laithean, chuala mi iorghuill ’san ath-thigh, ’s smaointich mi gu’m b’e so mo chothrom air son an duine sin ath-leasachadh. Ghrad leum mi stigh far an robh e, direach, mar a bha esan air pailleart a thoirt seachad a chuir an creutair truagh mnatha sin cho cruinn ri ceairsle ann an cuil-na-mona. “A dhuine gun chiall!” arsa mise, “Ciod a tha thu ris?” Dh’ amhairc e orm mar nach biodh e gu ro-mhath ’gam thuigsinn. “Nach eil fhios agad,” arsa mise—ach cha d’ fhuair mi dol na b’fhaide, ’nuair a chuir e thairis an dorn orm ann an cuinnein na sroine, agus sin le a leithid de dheadhghean, ’s gu’m faca mise dealanach ’s gu’n cuala mi tairneanach nach fhaca ’s nach cuala mi roimhe an leithid; ’s leis a’ phlathadh a chuir sin orm, chaidh mi ’s shuidh mi ann am poit ghuirmein a bha taobh ni teine. Cha robh fhios agam aig an am ciod a bha ’s a’ phoit, ach fhuair mi nach e ’n deigh-laimh. ’Nuair a thill mo leirsinn ’s mo chlaisteachd rium, ’s gun m’ aite-suidhe ’bhi ro-shocrach, leum mi air mo bhonn ’s thoisich mi air an duin’ aingidh sin ath-leasachadh ann am fìor da-rireadh. ’S tha mi smaointeachadh gu’n soirbhicheadh leam iompaidh a chur air na ’n leigeadh a bhean leam; ach ise, ’n creutair fachanta, an ait’ a bhi taingeil dhomh air son tigh’n g’a teasragainn, ’s ann a bha i gabhail gach cothrom air stràchd a thoirt domh le cas na sguabaich. Chuir so a leithid do ghrain orm ris a’ phaidhir ’s gu’n d’ fhag mi ’n sud iad, a reiteach a’ ghnothaich mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad; ’s ged a dh’ itheadh iad a cheile so am fear nach teid ’san eadragainn a rithist. Air d’ a ministear a bhi ’ceasnachadh sean bhean d’a luchd éisdeachd, dh’ fheòraich e dhi mar so:—“Nach ’eil fhios agad gur h-ann de shliochd Adhaimh thu; agus gu ’n do thuit thu annsan?” Fhreagair ise “gu ’n robh dòchas aice nach b’ ann; gur h-ann a bha ise de na daoine coire, na Caimbeulaich, daoine foghainteach ris nach robh ni sam bith riamh ri ràdh.” Cha reic e a dhal-bhuntata air a tarsuinn. Chaill e Paras. Bha duin’-uasal uair a’ gabhail an rathaid air muin eich, agus air dha tigh’n gu cnocan beag gorm a bha ’n sin, chunnaic e duine a ruamhar, agus a h-uile buille bheireadh e, theireadh e, “O! ’Adhaimh!” Stad an duin uasal an t-each’ agus ag eigheach air fear an ruamhair dh’ fheoraich e dheth c’arson a bha e ’g aithris ainm Adhaimh cho tric air an doigh ud. “Mata, le’r cead,” ars an duine, “mur bitheadh Adhamh cha bhiodh agamsa no aig aon eile dhe ’shliochd ri obair a dheanamh idir; na’n robh e-fhéin is Eubh air an aire thoirt air an gnothuch, cha bhiodh aig neach sam bith ri ’aran làitheil a chosnadh le falus a ghnùise, mar a tha mise ’deanamh.” “Glé mhath,” ars an duin-uasal; “taghail a staigh agam-sa am màireach.” Rinn an duine sin, agus chaidh a thoirt gu seòmar eireachdail, rìomhach, a bha ’fosgladh a mach do ghàradh anns an robh gach craobh is meas a b’ àilidhe na chéile a fàs. Dh’fheòraich an duin-uasal dheth am bu mhiann leis a bhi ’fuireach na leithid sid a dh’ àite. Thuirt mac Adhaimh gu ’m b’ eadh gu dearbh. “Ma ta,” ars an duin-uasal, “faodaidh tu fuireach ann, ’s cha bhi dìth no deireas ort. Gheibh thu do bhraiceast, do dhìnneir, ’s do shuipeir de gach biadh a’s fhearr, agus gu riaghailteach gach latha, agus faodaidh tu na thogras tu dhe t’ ùine chur seachad anns a ghàradh. Ach thoir an aire gu bheil mi ’toirt so uile dhut air chumha, agus ’se sin nach seall thu fo ’n truinnsear ghlas a tha air a bheul-fodha air meadhon a bhùird.” Chuir so aoibhneas mor air an duine; bha e ’smaoineachadh nach robh duine riamh cho fortanach ris, agus thuirt e ris fhéin nach robh cùram gu ’n sealladh e fo ’n truinnsear ghlas. Ach an ceann seachdain no dha, thòisich an truinnsear ri dragh mor a chur air. Cha b’ urrainn e a dheanamh a mach gu dé bha fodha. Ma dh’ fhaoidte gu robh nèamhnuid luachmhor ann, agus ma dh’ fhaoidte nach robh sion ann. Aon latha ’nuair nach robh duine timchioll, thuirt e ris fhéin gu ’n toireadh e sùil fo’n truinnsear—cha bhiodh cron sam bith ann—cha bhiodh fhios aig duine gu’ n d’ rinn e e; thog e, uime sin, oir an truinnseir, agus feuch! ruith luchag bheag a mach fodha, ’s thug i mach an dorus oirre. Ghrad leig e ’n truinnsear air ais mar a bha e, ach bha an cron deanta. An la ’r na mhàireach thainig an duin-uasal far an robh e. “Bi falbh!” ars esan, “’s thoir an ruamhar ort, agus na abair ‘O! Adhaimh!’ am feasda tuilleadh, oir rinn thu fhéin an ceart ni a rinn e,—àite-comhnuidh alluinn a chall le eas-umhlachd.” Cho tioram ris an t-sreathainn. Cho stallacach ri damh ’s a cheo. Cha sheas cairdeas air leth-chois. Cho bodhar ris a chloich mhuilinn. Cha toir beannachadh nach fhaigh air ais. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM-CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Sidni, C. B. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI., - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 48] [Vol. 10. No. 6. p. 8] Oran Gaoil. Le Domhnull Ruadh Mac Fhionghain, nach maireann a bha ’s a Mhorairne. SEISD. Mo nighean chruinn, chuimir thu, Mo nighean chuimir, ghuanach; A ghruagach dhonn a’s bòidhche, Ri mo bheò cha toir mi fuath dhut. Do chuailean riomhach, barranach, ’Na chamagan ’s na dhualan, ’S gu ’r bòidhche leam na siod e ’N uair chireas tu ’an cuaich e. Do shùilean mar na h-airneagan, Fo mhala tha gun ghruaimein, Beul meachair fo ’n tig gaire— Ged ’chaidh do thàladh uamsa. Mo bheannachd-sa le dùrachd ’Ad ionnsuidh ann an uaigneas, Na ’m faighinn fear a thaghladh ’S a’ghleann an taobh so’n ghualainn. ’S truagh nach robh mi thall ud leat, ’S an lagan ’s am bi ’n luachair, ’S a ghleannan bhòidheach, bhadanach, Fo dhubhar nan geug uaine. Cha ’n iongantach, cha ’n iongantach Mo chridhe-sa bhi luaineach, A’ cuimhneachadh mar dhealaich mi Ri ainnir a’ chuil dualaich. ’S ùr a’ choill o’n d’ fhàs thu, Gun fhailinn, àluinn, uasal, Gu h-ùrail direach, dosrach, ’S cha dochair gaoth a’ chuain thu. Cha ’n fhaicear air an t-sràid thu ’Measg ghuanag ghràisgeil, shuarach: ’S ann bhios ort sioda ’s fàinneachan An seomar àrd a’ fuaghal. Rugadh Domhnull Mac Fhionghain (Domhnull Ruadh) ann an Lochalline ’sa Mhorairne, an siorrachd Earraghaidheal. Dh’ eug e nuair a bha e na dhuin òg. Bha e gle mheasail aig na chuir eolas air, cha ’n ann a mhain mar dheagh bhard, ach airson blaths a chridhe agus ard-bhuadhan ’inntinn. Thugadh an t-oran so dhomh le Domhnull Mac Mhuirich, ann an New-York—aon de leughadairean MHIC-TALLA, agus mur ’eil mi air mo mhealladh, fear a bha gle eolach air eachdraidh Mhic Fhionghain. Bha eolas math aig ’athair air Mac Fhionghain. DONNACHADH MAC-AN-LEIGH. Portsmouth, Ohio. An Cogadh ’an Africa mu Dheas. LE DOMHNULL MAC EACHARN, DUNEIDEANN. An Gaidheal a’ fagail a dhuthcha ’dhol thun a’ chogaidh. A’ toirt m’ aghaidh ris na blaraibh, Is mo chul ri duthaich m’ araich; Soraidh leis na bheil mi fagail, Gus an tig mi slan a ris. Slan le og-bhean a’ chuil-dualaich, ’S na biodh ortsa bron no bruaillean; Bithidh mi air m’ ais gu h-uallach, Mu ’m bi guth na cuaich ’san tir. Creid nach aobhar broin no tursa, A bhi seasamh coir na ’s fiu leinn; ’Nuair bhios bagairt air ar duthaich, Co a dhiultadh dol ’s an stri. Ma bhios Gaidheil mar bu duth dhaibh, Is fir àbhalta ’g an stiuradh, Paighidh sinn air ais Majuba Anns a chuineadh a tha dhith. Misneach mhath, biodh aig mo mhùirneig, Thig mi ris, na biodh ort curam; ’S ged an robh an t-astar dubailt, Cha chum muir no Duitsich mi. Ceannard an airm r’a fhir-chuideachaidh ’s a choltas air an latha dol ’na aghaidh. ’Faic sibh a’ tighinn iad? ’Faic sibh a’ tighinn iad? ’Faic sibh a’ tighinn iad? Gillean an fhéilidh. ’Faic sibh ’san t-sealladh iad? ’Faic sibh ’san t-sealladh iad? Greasaibh ’am charaibh iad, Agams’ tha feum orr’. ’Faic sibh a’ tighinn iad? &c. An luaidhe ’na frasan A’ sguabadh na faiche; An t-each is am marcaich ’Nan laidhe gun eirigh. Le Fuaim-shligean sgrathail, Mu ’r cluasan a’ spraidheadh, Is cruaidh pheileir chanan A’ barradh an reidhlean. Feall-fhalach ’s na cuiltean, An ealain nach b’ fhiu leinn; Geur lannan ’gan rusgadh, Bu duth dhuinn ’san streupaid. ’Faic sibh a’ tighinn iad? ’Faic sibh a’ tighinn iad? Greasaibh na gillean geal’, ’S mis’ ann am eiginn! ’Fhir-chuideachaidh ris a cheannard ’s iad a’ faicinn nan Gaidheal a’ tighinn. Faicear a’ tighinn iad! Faicear a’ tighinn iad! Faicear a’ tighinn iad! Gillean an fheilidh. Faicear na lasgairean; Cluinnear an caiseamachd; Pioban is brataichean Ghaisgeach an fheilidh. Faicear a’ tighinn iad! &c. Earraghaidhlich ghramail, ’S na Gordonaich ealamh, ’S an corr de na Clannaibh Tha caitheadh an fheilidh. Na h-armuinn tha sgairteil, Gun mhairneal, gun airsneal; Tha blath-chridhe gaisgeil Fo bhreacan an fheilidh. Suas leis na brataichean; Nuas leis na gealtairean! Sguabaibh na machraichean Glan de na reubal. Faicibh air mhire iad; Co nis a thilleadh iad? Duitsich air iomain Aig gillean an fheilidh. Mar b’ abhaist ’s e ’thachair ’Am blara na h-Aifric; Buaidh-laraich ’s gach faiche ’S am faicear am feileadh. An Gaidheal a’ tilleadh dhachaidh o’n chogadh. Ged tha mi gun chrodh air buaile, No gun spreidh ’am feum an cuallach, Tha mo cheum a cheart cho uallach, ’S ged bu duais domh buar an righ. Breacan feilidh air mo ghualainn, Is mo chlaidheamh air mo chruachann; Ann am bhoineit ghoim an cluaran, ’S ann am chluasan fuaim nam piob. Tha mo bharantas ’am phoca, ’S crois na banrigh ann am chota; ’S ged a bha an iomairt dòbaidh, Sheas sinn coraichean ar tir. ’S e dh’ fhag mise ’n diugh cho surdail, M’ aghaidh ’bhi ri tir mo dhuthchais: ’Fagail Olandaich fo ubhladh, Agus Duitsich ’bhi fo chis. Seideadh gaoth a nis mar b’ aill leinn, G’ ar cur sgiobalta thar saile; ’S e mo dhuil ’am beagan laithean ’Bhi cur failt air Maol-Chinntir’. Cuir fios-dealain thun mo mhuirneag, Mi bhi tilleadh mar bu duth dhomh; ’S seachdain leam gach uair a dh’ uine, Gus am faic mi run mo chri. Fhuair an t-oran so an duais a b’ airde aig a Mhod Ghaidhealach deireadh an fhoghair s’a chaidh. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ceannachd Posta. Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu....... Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do cloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies”dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 49] [Vol. 10. No. 7. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 16, 1901. No. 7. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XIII. BHA an geamhradh a nis air tighinn a stigh gu math. Cha robh a ghrian ach gann ’ga nochdadh fhéin, ’s mar sin cha robh ’n latha ach gu math goirid. Bha fuachd uamhasach ann na uairibh; ach air a shon sin bha na Gàidheil ga ’m faighinn fhéin fuathasach aotrom, fallain, agus is gann gun giulanadh iad dad a bharrachd comhdaich na bhiodh iad a giùlan ann an aimsir fhliuch, throm geamhraidh na Gàidhealtachd fhéin. Bha an sneachda ’nis cho domhain ’s nach b’ urrainn iad ceum a dheanamh gun bhrogan-sneachda. Gle thric, an uair a bhiodh i gle fhuar, na coltas fuachd mor, cha b’e aon ghrian a bhiodh idir a riaghladh na tir, ach a tri. “Rud iongantach,” arsa Calum; “an uair a shaoileadh tu gu ’m biodh blàthas tri fillte ann, ’s ann a sgiolar na cluasan dhiot ma nochdas iad iad-fhéin!” Chite air corra mhaduinn chiùin, an àm eirigh na gréine, sealladh ciatach air an dùthaich ma chuairt fad iomadh mìle nach biodh ri fhaicinn ach faileas dheth ann an dùthchannan blàth. Canar anns a Bheurla “mirage” ris an t-sealladh so. Ged a bha campa nan Innseanach ann an àite iosal, chite aig na h-amanaibh so fad iomadh mìle ma chuairt orra, gach beinn ’us craobh ’us creag a dìreadh dha ’n iarmailt ceum os cionn ceum mar staidhre, ’s mar a b’ fhaide air falbh an sealladh ’s ann a b’ àirde àite ’san t-sreath, gus an robh an t-sùil ’ga chall a leaghadh an guirme nan speur. Anns na h-oidhcheannan fada, aonaranach, ’s iomadh greis a chuir na gillean seachad ag amharc na fir-chlis, no na soluis-thuathach, a bhiodh na uairean gle shoilleir, eireachdail, ’s a fàgail na h-oidhche cho soilleir ris an latha. Bha iad gle fheumach da rireadh air rud air choireigin a chumadh iad gun a bhith smaointean air cho fior aonaranach ’s a bha iad. Ged a bha iad am measg dhaoine, cha robh iad a dh’ aon fhuil na dh’ aon chainnt na idir a dh’ aon doigh smaointean riutha. Cha robh coimeas eatorra ann an dòigh sam bith ach a mhàin ann am buill a chuirp. Bha na bothain bheag aca gle bhlàth, ’s iad a nis air an comhdachadh ’s air an cuartachadh le sneachda; ach air a shon sin cha robh iad idir taitneach a bhith comhnaidh annta, oir bha iad dorcha aig a h-uile àm, ’s le toit an fhiodha, agus a chrùisgein olla, faodar a thuigsinn nach robh iad ro chùbhraidh. Air maduinn chiùin reota àraidh, thog Aonghas air leis a ghunna feuch am faigheadh e cothrom air pàirt dhe na creutairean a bhiodh ’ga chumail na dhùsgadh ’san oidhche a mharbhadh. Bha Calum ’san àm a feitheamh nam brogan-sneachda a bha ’charaide, Ni Math, a càradh dha. Gheall e Aonghas a leantuinn an uair a bhiodh iad deas, gus, mar a thuirt e-fhéin, pàirt do ’n t-sealg a thoirt dhachaidh. Greis an déis do dh’ Aonghas falbh, thàinig seann Innseanach an rathad a bha Calum. An uair a thuig e gun d’ fhalbh Aonghas, sheall e os a chionn air an iarmailt, air an robh coltas glé shitheil fhathast do ’n t-sùil aineolaich, ach anns am faca sùil gheur, dhubh, eòlach an t-seann Innseanaich comharran nach do chòrd ris a reir coltais. Chrath e ’cheann, ’s thuirt e ’n aon fhacal “stoirm,” ’s thug e aghaidh air a bhothan fhéin. Ann an ceann leth-uair dhubh nan speuran, ’s thòisich cur is togail air an t-sneachda, ’s ged a bha ’choille tiugh ’s an gleann fasgach ’s gann a b’ urrainn duine ’shùil fhosgladh. Dh’ fhàs i cho dorcha ris an oidhche, ’s le neart na gaoithe bha na craobhan a bristeadh le fuaim uamhasach, o nach lùbadh iad, rud nach deanadh iad aig an cruadhas leis an reothadh. Ciamar a nis a bha cor an t-sealgair, an uair a bha ’n gleann fasgach anns an t-suidheachadh so? Bha Aonghas, ma ta, mu cheithir mìle o’n ghleann an uair a thuit an stoirm, ann am meadhain comhnaird, anns nach robh ach craobh an sid ’s an so. Cha do thachair creutair ris; oir leis an fhaireachadh nadarra ghineadh leis na fiadh-bheathaichean so, bha fios aca na b’ fhearr na Aonghas dé bha tighinn, ’s dh’ fhan iad gu glic nan tuill, ged a bha ’n t-acras fhéin orra. An uair a bhuail an stoirm Aonghas thug e aghaidh air a ghleann, ach cha b’ urrainn e, cho làidir ’s gu ’n robh e, ach beagan cheumanan a dheanamh, an uair a b’ fheudar dha a chùl a thionndadh mu ’n rachadh a thachdadh leis a chathadh. Bha e deanamh a dhichioll feuch an toireadh e ’mach a choille mhor, thiugh, far am faigheadh e ’m barrachd fasgaidh, ach an déis ùine mhath thuig e gu ’n robh e air a chùrsa chall gu buileach. Ghabh e nis car de chùram ’s de dh’ eagal, ’s gun fhios aig’ air an t-saoghal co ’m bad an robh e ’s an oidhche tuiteam. Chum e roimhe, oir dh’ fheumadh e sin co-dhiu, gus e-fhéin a chumail gun reothadh. Bha e nis a gabhail fadachd nach robh e ruighinn na coille a bha cuartachadh a ghlinne ’san robh dhachaidh, agus ged a bha i toitidh, duaichnidh fhéin, bu mhath i nis. Cha tug Aonghas an aire gun do thionndaidh a ghaoth na b’ fhaide ris an deas, ’s mar sin gu ’n robh e ’gabhail calg-dhireach an aghaidh an taobh a bha e ’g iarraidh. Fhuair an oidhche e mar so, ’s e nis, a dh’ aindeoin a neart, gu math sgìth. Ged a bha ’n sneachda domhain, dh’ aithnich e gu ’n robh ’n t-àite air fàs gu math garbh, ’s a sior fhàs na bu ghairbhe mar a bha e dol air adhart, le creagan is cnoic. Mu dheireadh shuidh e ri fasgadh creig mhoir a leigeil analach. Bha ’n stoirm gun abhsadh a séideadh, ’s a h-uile h-oiteag mar gu ’m biodh i air son buaidh a a thoirt air an té a bha roimpe. Thòisich noradaich chadail ri tighinn air gun fhios dha, le tàladh na stoirme ’s le sgìos. Dh’ fhàs an inntinn aige cho sèimh, ciùin, toilichte ’s a bha i mionaid riamh. Ach chrath Aonghas e-fhéin ’s dh’ éirich e ’na sheasamh ’s fios aige nan leigeadh e leis a chadal buaidh fhaighinn air, gu ’m b’e an cadal deirionnach dha e. Ach bha e gu math doirbh gluasad as an àite, oir an uair a dh’ eirich e na sheasamh shaoil leis gu ’n robh ’n ceòl cho binn ’s a chuala cluas riamh ’ga chuartachadh. Thug e sùil air gach taobh dheth ’s chunnaic e na cathraichean ’s na langsaidean bu shocraiche ’s bu chiataiche ’chunnaic sùil riamh, agus gairdeanan sìnte aig gach aon ris, ’s guth ag radh: “Caidil, caidil, ’Aonghais! Leig do sgìos! Leig do sgìos! Caidil, caidil, ’Aonghais!” Ach cha do ghéill Aonghas do ’n bhuaireadh mhor so; ’s le oidhirp làidir thòisich e air leum ma chuairt, ’s ann am beagan ùine chuir e ’n fhuil na leum ro chuislibh, ’s mar so chaidh na lìn ’s an ceò a theab lamh-an-uachdair fhaighinn air, fhuadach air falbh. Ghluais e air falbh aon uair eile. Cha robh e cho furasda dha coiseachd a nis; oir leis a h-uile spairn a chuir e orra bhrist na h-iallan a bha ceangal nam brogan-sneachda aige ris na cuarain a bh’ air a chasan ’s chaill e iad. Bha e nis a bristeadh tromh ’n t-sneachda air a h-uile ceum, ’s iomadh uair a dol á sealladh buileach glan, ann an sluic a bha eadar nan creagan. Cha robh suim aige nis c’àit’ an rachadh e, ach e-fhéin a chumail na dhùsgadh. Gu fortanach, ach gun fhios dha, chuir e aghaidh air a dhachaidh air an turus so. Rainig e mu dheireadh a choille mhor, ’s biodh bàs no beath’ aige, cha b’ urrainn e dol na b’ fhaide. An déis a h-uile rud cha robh ann ach feòil is cnamhan, ’s thig crìoch air am fulangas uaireiginn. Rinn e toll ’san t-sneachda, ’s chrùb e e-fhéin sìos na ghrunnd, ’s ann an tiota dhùin a shùilean ’s chaidil e. Bhuail an t-eagal Calum a thaobh a charaid an uair a shéid an stoirm, ’s cho luath ’s a bha na brògan-sneachda deas cheangail e uime iad, ’s cha chumadh na bha ’sa champ e. An uair a chunnaic a chàirdean Innseanach sin, dh’ fhalbh iad le chéile maille ris, a toirt leotha da chù thapaidh, a bhiodh daonnan a leantuinn Aonghais fhéin air a chuairtean. Ghabh iad air adhart cho math ’s a dh’ fhaodadh iad. Bha fios aca co ’n taobh a thug Aonghas air, ach dhùin an stoirm gach ceum a dh’ fhàg e o chionn fada. Cha bhiodh a chùrsa fad’ aig Calum na aonar, ach bha na daoine buidhe cho math ris na mathain gus an rathad a dheanamh romh ’n choille—gun chairtiuil, gun smaointean, mar na fiadh-bheathaichean fhéin, bheir iad a mach an t-àite as am falbh iad. Bha iad a siubhail ’s ag éigheach gus an robh iad seachd sgìth, ach cha do thachair Aonghas riutha beò na marbh. Thug iad an aghaidhean air an dachaidhean, ’s Calum gu math dubhach, trom, a smaointean air a charaid, a shàbhail a bheatha iomadh uair, ’s docha na shìneadh fuar gun chomas éirigh. An uair a thainig iad dlùth dha ’n choille mhoir bha ’n stoirm seachad. Nochd a ghealach i-fhéin gun smal air a ghùis, ’s chaith i ’solus air na dùin mhora shneachda, a dh’ fhàg i mar stuadhan na mara air am bualadh le slachdan fear dha na draoidhean o shean. Bha Calum ’s a chridhe gu bristeadh o nach do thachair a charaid ris, ach bha dòchas fann aige gur docha gu ’m biodh e stigh roimhe ’n uair a thilleadh e. Thug e fa near a nis gu ’n sgapadh iad ’s gu ’n gabhadh a h-uile fear rathad air leith, agus rinn iad suas ri cheile na ’n tachradh e ri fear dhiubh gu ’n leigeadh e glaodh àraidh as, a bhuineadh dha na h-Innseanaich fhéin, ’s a chluinneadh neach thar mhìltean. Ghabh Calum sios ri iomall na coille ’s e beachdachadh gu dlùth air gach tom ’us preas a chitheadh e. Thug e sin an aire do ’n chù a stad aig àit’ àraidh pios air thoiseach air. Rainig e far an robh ’n cù a comhartaich ’s a sgrìobadh ’s fhuair e Aonghas ann an sin. Ghlaodh e ri [TD 50] [Vol. 10. No. 7. p. 2] càch cho àrd ’s a b’ urrainn dha, ach cha do ghluais am fear a bha na shìneadh. Le ’chridhe na ’bheul chrom Calum ’s thug e ionnsuidh air a charaid a dhùsgadh, ach sin rud nach rachadh aig air. Chuir e ’lamh os cionn a chridhe, ’s thug e misneach dha fhaighinn gu fann a bualadh. Aig a mhionaid sin thainig Ni Math an rathad, ’s e air glaodh Chalum a chluinntinn. Chuir e ioghnadh gu leor air Calum cho nimheil ’s a chaidh an t-Innseanach an sàs ann an Aonghas—cho guineach ri tìgear leum e uige, mar gu ’m biodh e dol ’ga reubadh as a chéile. Bha e ’ga chrathadh, ’s ’ga bhualadh, ’s ’ga shlaiseadh, mar gu ’m b’ e ’dhearg nàmhaid. An uair a chunnaic Calum so, ’s ann a smaoinich e gun robh Ni Math air a dhol as a rian buileach, glan, ’s thug e upag dha air falbh o ’charaid, ag ràdh ris: “An ann, ’amadain! air son an t-sradag bheatha th’ ann a smaladh a tha thu!” Ach dh’ éirich Ni Math ’s ghabh e am bad Aonghais a rithist, ag innse do Chalum gu ’m b’e sud bu mhotha dheanadh a dh’ fheum do dh’ Aonghas na bhith ’ga shlìobadh ’s ’ga chaoineadh ’s ’ga phògadh, na leithid sud do chàs. An ùine gun a bhith fada thòisich fuil Aonghais ri ruith ’s ri fàs blàth, oir gu fortanach bha e gun tòiseachadh ri reothadh an uair a fhuaras e. Dh’ fhosgail e ’shùilean, ’s thug e ionnsuidh lapach air éirigh air son e-fhéin a dhìon, ’s gun e tuigsinn air an t-saoghal dé ’n dìol a bha e faighinn, no dé ’n t-aobhar a bh’ aca dha. Mu dheireadh dh’ éirich e, ’s a faicinn Chalum thuirt e ris: “Nach bu tusa ’n caraide, gu dearbh! na d’ sheasamh an sin cho toilichte ’s cho cridheil ag amharc an spòrs a bhith ga m’ mharbhadh-sa, ’n uair a fhuair na béisdean cothrom orm na ’m chadal! Ach leigidh mise fhaicinn dhuibh nach téid a chuis leibh cho math ’s a bha sibh an dùil!” Le so a ràdh rug Aonghas na ghairdeanan mora, cumhachdach air theis-meadhain air an Innseanach, agus ghlac am fear sin Aonghas gu toilichte, ’s fiamh gàir’ air gu dha chluais. Sin far an robh charachd, ’s Aonghas a fàs làidir air a h-uile car, ’s ann am beagan mhionaidean bha Ni Math ’s a dhruim ris an t-sneachda, ’s greim aig Aonghas air sgòrnan air. Chaidh a chur air shùilean do dh’ Aonghas mar a bha cùisean, ’s nach b’ ann ’ga ’mhort a bha Ni Math idir, ach ’ga thoirt beò. An uair a thuig e so, dh’ iarr e mathanas air an Innseanach air son na taing gharbh a thug e dha air son a bheatha ’shàbhaladh, ’s air Calum air son a bhriathran ris. Ach cha robh gamhlas aig a h-aon diubh dha; ’na aghaidh sin ’s ann a rinn iad spòrs gu leor air cho dùrachdach ’s a chaidh Aonghas an greim an uair a dh’ éirich e. Thainig a nis am fear eile ’s thug e ’bhrògan-sneachna fhéin do dh’ Aonghas gu toilichte, ’s le cridheachan aoibhneach, toilichte, thug iad an aghaidhean air a ghleann. (Ri leantuinn.) An Dotair Mac Lachuinn. RUGADH an Dotair Mac Lachuinn ann an Rathuaidhe, anns a’ Mhòrairne bhoidheach, ghleannach, anns a bhliadhna 1804. Bha e na dhuine foghainteach, aoidheil, agus dreachmhor; uasal am measg uaislean, agus na lighiche measail aig uaislibh is ìslibh; caoimhneil, truacanta ri bochdan na dùthcha. Tha ’bhriathran féin a cuir an geill a’ cheanalais anns an rann so:— “Cha ’n fhaicinn ort fàilinn; ’S cha shirinn ort pàigheadh; Nàile! dh’ aisiginn slàn thu, Nuair a dh’ fhàsadh tu tinn.” Gheibhear cunntas aithghearr air a bheatha ’sa bhàrdachd ann an leabhar a chuir Comunn Ardnamurchan a Mhorairne agus Suaineart a mach beagan bhliadhnachan air ais. Chì mi gu ’m faighear an leabhar so r’a cheannach aig clo-bhualadair MHIC-TALLA. Gheibhear mar an ceudna neart da chuid òrain anns an “Oranaiche.” Gu ’n teagamh tha na h-òrain a rinn e snasda, ceòlmhor agus binn, làn brìgh ’s bàrdachd. Chaochail e ’sa bhliadhna 1874 ann an Tobar-Mhuire. Chaidh a thiodhlacadh ’s a Chill Mhorairneach. “’S ann s’a chnoc chaidh do chàradh, Anns an ùir a bha nàdur do sheòrs; Taobh a’ chaoil ’s am bi challach, ’S na luingeis fo làn an cuid seòl. Tha thu ’d chliù ’dh’ Earraghàidheal, ’S do ’n dùthaich a dh’ àraich thu òg; ’S fhad ’s a bhruidhneas sinn Gàidhlig, Bidh cuimhn’ air do bhàrdachd le ceol.” Mo chreach! cha ’n fhaicear clach-chinn no carn air uaigh. “Cinnidh feanntag ’s a ghàradh, Nuair thig fàillinn ’san ròs.” New York. DONULL EACHAINN. Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. VIII. CHO luath ’sa thill Pirouse d’a seomar fhein, chaidh an seirbhiseach ud far an robh i, agus dh’innis e dhi, gu’n robh duine nach b’ aithne dha ag iarraidh bruidhinn rithe mu dheidhinn Chodadad. Cha bu laaithe dh’ innis e so dhi na thuirt i gu’n robh toil aice an coigreach fhaicinn gun dail sam bith. Thugadh an lighiche do ’n t-seomar, agus dh’ ordaicheadh do na mnathan coimhideachd gu leir a dhol am mach ach an dithis o nach robh Pirouse a’ cumail rud sam bith an cleth. Cho luath ’sa chunnaic i an lighiche, dh’ fheoraich i dheth le cabhaig ciod an naigheachd a bh’ aige ri innseadh mu dheidhinn Chodadad. An uair a leig an lighiche e fhein ’na shineadh air a beulaobh mar chomharradh air an urram ’s air an umhlachd a bha e ’toirt dhi, thuirt e, an deigh dha eirigh ’na sheasamh, “A bhaintighearna tha cunntas fhad’ agam ri thoirt dhuibh, agus cuiridh i ioghnadh gu leor oirbh.” An sin dh’ innis e dhi a h-uile dad riamh mar a bha eadar Codadad agus a bhraithrean. Dh’ eisd i le aire agus le foighidinn ris gach facal a labhair e; ach an uair a dh’ innis e dhi mar a mhort a-bhraithrean e, thuit i seachad ann an neul air an t-sofa, mar gu ’m biodh i air a lot thun a’ chridhe. Thug an dithis mhnathan coimhideachd lamh air cuideachadh a dheanamh leatha, agus ann an uine ghoirid thainig i as an neul. Chaidh an lighiche air aghart leis na bh’ aige ri innseadh dhi. An uair a chur e crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt Pirouse ris: “Bi falbh air ais far am bheil a’ bhana-phrionnsa Deridhabar, agus abair rith gu ’m faod i bhith cinnteach gu ’n gabh an righ rithe mar bhean a mhic. Agus air do shon fhein dheth, faodaidh tu bhith cinnteach gu ’m faigh thu deadh phaigheadh air son do shaoithreach.” Nuair a dh’ fhalbh an lighiche, dh’ fhan Pirouse air an t-sofa air an robh i ’na suidhe, agus bha i fo dhoilghios a bha anabarrach trom; agus air dhi a bhith ’smaointean air Codadad, thuirt i: “Oh, mo mhac, cha ruig mi leis duil sam bith a bhith agam gu ’n faic mi thu gu brath tuilleadh! Ochan! an uair a thug mi cead dhut falbh a Samaria, agus a ghabh thu do chead dhiom, cha do shaoil mi gu ’m biodh tu cho mi-fhortanach ’s gu ’n tigeadh am bas ort cho fad’ air falbh uam. A Chodadad mi-fhortanach! C’ar son a dh’ fhag thu mi? Tha e gun teagamh sam bith fior nach biodh do chliu cho mor nan d’ fhan thu comhladh rium; ach cha bhiodh do mhathair cho bronach ’s a tha i.” Am feadh ’s a bha i ’labhairt nam briathran so, bha i ’gul gu goirt; agus bha ’n dithis mhnathan coimhideachd, air dhaibh truas mor a bhi aca rithe, a’ sileadh nan deur mar a bha i fhein. Am feadh ’s a bha iad ’nan triuir mar so a’ tuiream gu dian, thainig an righ do ’n t-seomar, agus an uair a chunnaic e an staid anns an robh iad, dh’ fheoraich e de Phirouse an cual’ i droch naigheachd sam bith mu dheidhinn Chodadad? “Ochan! mo thighearna,” ars ise, “tha mo challsa deante. Tha mo mhac marbh, agus gus an tuilleadh a chur ri mo bhron, cha bhi de thoileachadh agam gu ’m faigh mi a chur fo ’n talamh mar bu mhiann leam; oir tha h-uile coltas gu ’n d’ ith beathaichean fiadhaich e.” An sin dh’ innis i do ’n righ facal air an fhacal mar a thuirt an lighiche rithe, agus cha d’ rinn i dearmad air innseadh dha mu ’n doigh chruaidh-chridheach anns an do chuir a bhraithrean gu bas e. Bu ghann a leig an righ le Pirouse crioch a chur air na bh’ aice ri innseadh dha an uair a las e le feirg agus le corruich a bha eagalach. “A bhaintighearna,” ars’ esan, “nithear dioghaltas trom gun dail air na creutairean graineil a thug a leithid a dh’ aobhar broin agus doilghis dhutsa agus dhomhsa.” An uair a labhair e na briathran so, ghrad chaidh e mach as an t-seomar anns an robh Pirouse, agus ghabh e direach do seomar na comhairle far an robh na comhairlich uile cruinn aig an am. Cha bu luaithe chunniac iad e na dh’ aithnich iad air a ghnuis gu ’n robh corruich eagalach air, agus bha iad an duil gu ’m b’ ann ri cuid dhiubh fhein a bha corruich air, agus bha na cridheachan air chrith aca leis an eagal. Shuidh e air an righ-chathair, agus thug e aithne do’ n ard-chomhairleach tighinn dluth dha. “Hasain,” ars’ esan, “tha ordugh sonruichte agam ri thoirt dhut. Bi grad fhalbh, agus thoir leat mile saighdear, agus dean greim air a h-uile aon dhe mo chuid mac; druid iad anns a’ phriosan a tha air a chur air leth air son mhortairean. Biodh so deante gun dail sam bith.” An uair a chuala na h-uile a bh’ ann an seomar na comhairle an t-ordugh neo-chumanta so, chaidh iad air chrith le eagal agus le uamhas. Cha dubhairt an t-ard-chomhairleach facal, ach mar chomharradh gu ’n robh e ’toirt umhlachd do ’n righ, chuir e a lamh air a cheann, agus chaidh e mach as an talla gun dail gus deanamh mar a dh’ aithn an righ dha. Aig a’ cheart am chuir an righ a’ chomhairle mar sgaoil, agus thuirt e ris na comhairlich nach robh gnothach sam bith ri bhith air a dheanamh gu cionn mhios. Bha e gun fhalbh as an talla an uair a thainig an t-ard-comhairleach air ais. “Am bheil mo chuid mac uile anns a’ phriosan?” ars’ esan. ”Tha, le ’r cead, a righ,” ars’ an t-ard-chomhairleach; “rinn mise mar a dh’ aithn sibh dhomh.” “Tha ordugh eile agam ri thoirt dhut gun dail,” ars’ an righ. Agus an uair a thuirt e so chaidh e mach a talla na comhairle, agus chaidh e do ’n t-seomar anns an robh Pirouse, agus an t-ard-chomhairleach ’g a leantuinn. Dh’ fheoraich e dhi c’ait’ an robh a’ bhantrach aig Codadad a’ fuireach. Dh’ innis Pirouse dha far an robh i, oir cha d’ rinn an lighiche dearmad air ainm an [TD 51] [Vol. 10. No. 7. p. 3] taigh-osda anns an robh i innseadh. An sin thionndaidh an righ ris an ard-chomhairleach, agus thuirt e ris, “Bi falbh do ’n taigh-osd’ ud, agus thoir an so a’ bhana-phrionns’ og a tha ’fuireach ann, agus thoir an aire gu ’n toir thu dhi am meas agus an urram air am bheil i dligheach.” Cha robh an t-ard-chomhairleach fad’ a’ cur an gniomh an orduigh a thug an righ dha. Mharcaich e fhein agus maithean na cuirte, agus ceannardan an airm gu ruige an taigh-osda far an robh Deiridhabar a’ fuireach, agus dh’ innis e dhi gu ’n d’ ordaich an righ dha a toirt do ’n luchairt. Agus thug e dhi muileid gheal a chuir an righ g’ a h-ionnsuidh, air an robh diollaid agus srian a bha air a deanamh maiseach le or, le rubaidhean, agus le daoimein. Mharcaich i air a mhuileid so gu ruige an luchairt ann an cuideachd nan ard-uaislean. Bha ’n lighiche maille rithe agus e marcachd air each mor briagha a chuir an righ g’a ionnsuidh. Bha sluagh a’ bhaile aig na h-uinneagan, no air an t-sraid ag amharc a’ mharc-shluaigh a’ dol seachad. Bha e air aithris ’nam measg gu ’m bi a’ bhana-phrionnsa a bha ’chuideachd a’ treorachadh do ’n luchairt, a’ bhean a bh’ aig Codadad. Bha sluagh a’ bhaile, air an aobhar sin, a’ deanamh iolach glaoidh le aoibhneas; ach nan robh fios aca gu ’n d’ thainig naigheachd bais Chodadad, bhiodh iad uile a’cheart cho bronach ’s a bha iad cho aoibhneach; oir bha meas mor aig na h-uile air Codadad. An uair a rainig Deiridhabar geata na luchairt, bha ’n righ ’g a feitheamh. Rug e air laimh oirre, agus theoraich e i do ’n t-seomar anns an robh Pirouse, far an robh sealladh gle bhronach ri fhaicinn. Bha ’bhean aig Codadad moran na bu bhronaiche na bha i riomhe an uair a chunnaic i a mhathair agus ’athair. Bha iadsan mar an ceudna ro bhronach an uair a chunnaic iad bean am mic. Thilig ise i-fhein ’na sineadh aig casan an righ, agus bha i cho tursach ’s cho deurach ’s nach b’ urrainn i aon fhacal a labhairt. Cha b’ i Pirouse a b’ fhearr staid. Bha i air a lot gu trom le bron ’s le bristeadh cridhe; agus an uair a chunnaic an righ an staid bhronach anns an robh iad, cha b’ urrainn e gun toiseachadh ri sileadh nan deur comhladh riutha. Bha iad ’nan triuir a’ sileadh nan deur fad uine mhath, agus cha robh facal a’ tighinn a ceann aon seach aon diubh. Mu dheireadh an uair a fhuair a’ bhana-phrionnsa, Deiridhabar, beagan faothachaidh o ’n trom-bhron anns an robh i, dh’ innis i dhaibh a h-uile car mar a thachair anns a’ chaisteal, agus mar a chuireadh Codadad gu bas. An sin dh’ iarr i air an righ dioghaltas a dheanamh air an fheadhain a chuir Codadad gu bas. “Nithear sin, a bhaintighearna,” ars’ an righ, “cuirear na creutairean neo-thaingeil ud gu bas gun teagamh sam bith; ach feumar an toiseach bas Chodadad a dheanamh follaiseach do shluagh na rioghachd air eagal gu ’n eirich iad ann an aramach ’nam aghaidh ma chuireas mi mo chuid mac gu bas gun fios an aobhair a thoirt seachad. Agus ged nach ’eil corp mo mhic againn, cha dean sinn dearmad air na dleasdanais dheireannach a dheanamh dha.” An uair a labhair an righ na briathran so, thionndaidh e ris an ard-chomhairleach, agus dh’ ordaich e dha taigh-cuimhne do Chodadad a thogail de mharmor geal air a’ chomhnard a bha faisg’ air a’ bhaile. An sin dh’ ordaich e seomraichean maiseach a chur air leith do Dheiridhabar anns an luchairt. Gun dail sam bith thug Hasan ordugh do ’n luchd-ceirde dhe gach seorsa toiseachadh ri togail an taighe mar a dh’ aithn an righ, agus chaidh iad cho sgoinneil ris an obair ’s gu ’n do chuireadh crioch air an taigh ann an uine ghoirid. An uair a bha e ullamh, thogadh uaigh ’na bhroinn anns an do chuireadh iomhaidh Chodadad. An uair a bha gach ni criochnaichte, dh’ ordaich an righ latha chur air leith air son urnuigh agus trasgadh a dheanamh. (Ri leantuinn). Calanas. LE K. W. G. BHA ’n clò a’ dol ceithir-thimchioll air a’ chleithe, a h-uile té ’g a thogail o a taobh deas far an do leig a ban-chompanach as e, agus an sin a’ toirt smùid dha air a taobh clì; anns an dòigh sin bha ’n clò daonnan a’ dol mu’n cuairt air a’ chléith, ’s an t-òran ’g a sheinn— Chaol-mhala-dhubh ghaolach thu, Mo Chaol-mhala-dhubh o hò. Thug am bàta ’n caolas oirre, Mo Chaol-mhala, etc. Dà ràmh oirr’ is taoman, Air a’ Chaol-mhala, etc. Morairean air oighreachd, Air a’ Chaol-mhala, etc. Clann an Righ a’ glaodhaich, Air a’ Chaol-mhala, etc. Anns an dòigh sin rachadh an clò a luathadh, agus ’s ann le òrain a rachadh an tìm a chunntas a ghabhadh iad ris. Cha ’n e ’chluinneadh tu iad ag ràdh—“gabhaidh e leth-uair eile”—ach, “gabhaidh e òran eile fathast.” ’Nuair a bhiodh an clò deas air son a chur ’s a’ Choinneal—mar a theireadh iad—gheibhte maide fad caol, cho dìreach ’s a ghabhadh faodainn. Shuidheadh an sin an té a bha gu ’bhi ’na bean-iùil aig càch anns a’ mheadhon, aig ceann na cléithe, greim aice air a’ mhaide mu ’n mheadhon, agus urad de chàch mu ’n cuairt oirre ’s a b’ urrainn faodainn ann. Thòisicheadh iad an sin air cur an aodaich mu ’n mhaide. ’S ann an sin a bhiodh an strì eadar ceann agus casan na cleithe, bha ’n clò làidir luaidhte, ’s bha feum aige gu ’n robh. Tha cuimhn’ agam a’ cheud uair a chunnaic mi air achadh-chluich an cleas ris an abair iad an “tug-of-war” gu ’n d’ thug e ann am chuimhne na mnathan mu’n chleith luathaidh. Cò-dhiù, bha car an deigh car de’n chlò ’dol mu’n mhaide, agus an uair a thòisicheadh a’ choinneal air fàs chùmhal mar a chuireadh an fheadhain a bh’ aig a cinn car innte, bha càch a’ gabhail dhith le ’m basan. Thòisicheadh an sin an ceòl ris an abair iad, “Port-nam-bas.” Dh’ fheumadh an sin a’ bhean-iùil a h-uile nighean òg a bha mu’n chléith a phaidhreachadh ri gill’ òg air choireiginn. Anns an dòigh so bha ’n òigridh air an toileachadh, ’s an t-aodach a’ dol gu teann cruaidh ann an coinneal. Chluinnte fuaim am bas air a’ chlò os-ceann guth na té ’bu treise pong a bhiodh ’s a chuideachd. Bhiodh ’an sin an clò ’s a’ choinneal ’s rachadh am maide a shlaodadh a mach às; dh’ fheumadh e gu ’n seasadh e air a cheann, air a’ chléith, cho dìreach ri posta na cachla, ’s mur deanadh e sin cha bhiodh e ceart. Rachadh an sin trì cuir a chur dheth leis a’ ghréin, agus a bheannachadh, etc, etc. ORAIN-LUATHAIDH. Cha bhiodh cunntas air obair an luaidh ceart as-eugmhais facal mu na h-òrain-luathaidh. Ann an aon de na “Seann Dàna” Gàidhlig a thrus an t-Urr. Iain Smith tha na sreithean a leanas ri fhaotainn— “’S tha farum chlàr is caithream bheul An talla Sgara na féile faoile. Fonn air clàr, is fonn air dàn, Slàn gu robh thu, ’rìgh na carraige!” CATHULA. Aig bun duilleige tha ’n Dr. Urramach ag ràdh— “Tha e coltach gu ’m b’ e òran-séisd a bh’ anns an luinneag so, a ghabh òighean Chrom-I. Tha’n seòrs’ òrain so anabarrach sean, agus tha e fathast air a chleachda gu bitheanta ’s a’ Ghàidhealtachd. Bha co-chòrdadh eadar tomhas nan sreith agus iomairt nan ràmh, no nan corran, aig a’ bhuain, no iomairt an aodaich aig an luathadh, etc. Bha na Greugaich o shean a’ cleachdadh na seòrsa luinneig so air son na h-aon aobhair. Tha eisimpleir dhiubh sin air a chur a sios dhuinn le Plutarch, ann an séisd a bhiodh na mnathan a’ seinn aig bleith an t-sìl dhoibh, ris an abradh iad epi-mulion—i. e., òran-muilinn—agus a tha tòiseachadh. “Alei mùla, alei,” etc. “Bleith a mhuilinn,” etc. Tha daoine dubh na h-Aifric gus an latha ’n diugh a’ cleachduinn na séisd aig an obair, eadhoin ma ’s e sreith dhiubh a tha ’g obair air an rathad mhòr, tha gach piocaid ag éirigh ’s a’ tuiteam aig an aon bhuile, a’ cumail tìm ri ’n séisd: agus tha Mungo Park a’ toirt cunntas air òran nam boirionnach-dubh an uair a bha iad a’ meileadh na mine air son a shuipeir. Is sona an obair a tha ’cumail buille ris a’ cheòl; ’s duilich gu ’n cuireadh gaol an airgid, na ’n sògh an ceòl sunndach air cùl. Tha Macphàidein a’ toirt cho math ri trì Orain-Luathaidh, agus am beannachadh aig crìoch na h-oibre. Faodar rann a Port namhas—aon de na puirt phaidhreachaidh-a thoirt mar eisimpleir o mheasg an trì sin; tha trì rannan à “Oran-Luaidh” Dhonnacha Bhàin nan Oran, air an toirt seachad cheana. Tha ceithir air-fhichead ceathramh ann uile gu léir, anns am bheil gach ni mu ’n obair ’air a chur sios, leis an t-séisd so eadar gach ceathramh— “Hò rò gu ’n togainn air hùgan fathast, Hò rò i-ò mu ’n téid mi laidhe; Hò rò gu ’n togainn air hùgan fathast.” ’S e ’cheud séisd a tha Macphaidein a’ toirt— “Clò nan gillean, iomair o-hò Clò nan gillean, iomair o-hò Ceòl ’bu bhinne, iomair o-hò Clò nan gillean, iomair o-hò.” Tha ’n so dà rann á “Port-nam-bas”— “Hò cò ’bheir mi leam air an luing Eirionnaich? Air an fhidhill, air an truimb, air an Luing Eirionnaich? Hò cò ’bheir mi leam air an Luing Eirionnaich? Morag a bheir mi leam air an Luing Eirionnaich! Hò cò ’bheir mi leam air an Luing Eirionnaich? Dòmhnull a bheir mi leam air an Luing Eirionnaich! Hò cò ’bheir mi leam air an Luing Eirionnaich? ’Marcachd air bharraibh nan tonn air an Luing Eirionnaich! Hò cò ’bheir mi leam air an Luing Eirionnaich? Air an fhidhill, air an truimb, air an luing Eirionnaich— Màiri ’s i bheir mi leam air an luing Eirionnaich! Hò cò ’bheir mi leam air an Luing Eirionnaich? Tearlach a bheir mi leam air an Luing Eirionnach! Etc., etc. An Teas ann an Alba. (Oban Times, Iulaidh 27). Mu mhìosa roimhe so dh’ fhàs an aimsir anabarrach teth ann an America, agus dh’ fhuiling mòran do’n t-sluagh gu cianail. Tha e air a ràdh gu’n do sgaoil an teas so mar thonn thairis air farsuinneachd na tìre gu léir. Tha an teas so nis againn féin, agus thàinig am bàs ann an ioma àite ’na dhéigh. Ann an àitean eile thàinig stoirm, uisge is dealanach maille ris an teas, gu sònruichte anns an taobh deas. Bha stoirm ro bhagarrach aca an Glaschu le tàirneanach agus uisge fiadhaich trom. Cha robh an aimsir cho teth no cho fliuch anns a’ Ghàidhealtachd air na còrsan siar, ach dh’ fhairich iad tomhas do’n teas ann an crìochan siorrachd Pheairt. Bha an uair ro dheuchainneach ann an ioma ceàrn do Shasunn. Bha aon bhean uasal, nighean Diùc á Albainn a bha dol a phòsadh air latha sònruichte ach rinn an teas cho lag i ’s gu ’n do chuir iad stad air a phòsadh car tacan. Tha i-féin agus an duin ’òg a’ tighinn tuath ’an ùine ghoirid far am bi a’ bhanais air a deanamh. Tha mòran bhliadhnachan o’n a dh’ fhairicheadh a’ leithid so do theas. [TD 52] [Vol. 10. No. 7. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OGUST 16, 1901. Tha Morair Citchener an deigh rabhadh deireannach a thoirt do na Boerich a tha fhathast gu diorrasach a’ seasamh a mach. Na ceannardan nach striochd do na Breatunnaich romh mheadhon September, bidh iad air am fògradh á Africa mu Dheas, agus iadsan a tha fodhpa nach striochd romh ’n àm sin, bidh cosguis bidh us aodaich an teaghlaichean, a tha mar phriosanaich anns na campaichean Breatunnach, air a phàigheadh le ’n cuid fhearann us innsridh a bhi air an creic. A reir an rabhaidh sin, iadsan nach toir iad féin suas gun dàil, bidh iad aon chuid air am fògradh as an dùthaich gu buileach ’s gu bràth, neo bidh iad air am fàgail cho lom ’s cho falamh ’s nach bi e gu moran feuma dhaibh a bhi innte. Cha ’n eil ach àireamh bheag dhe na Boerich a tha feuchainn ris an t-strith a chumail suas, agus cha ’n eil teagamh nach toir an rabhadh mhor chuid dhiubh an airm a leigeil uapa. Tha daoine anns na Staidean agus ann an dùthchannan eile a tha gabhail tlachd mor ann a bhi ’faotainn coire do Bhreatunn air son cho borb ’s cho an-iochdmhor ’s a tha i a’ deiligeadh ris na Boerich. ’S e’n aon ghearain, no an gearain a’s motha th’ aca sin gu bheil an t-arm Breatunnach a losgadh shaibhlean us thaighean, agus mar sin a cur call us cruadal mor air daoine ’s air mnathan nach eil a’ gabhail gnothuch ris a chogadh idir. Tha fhios nach eil ach fior bheagan firinn anns na sgeulachdan brònach a tha mhuinntir so a’ faotainn á Africa mu Dheas, ach ged a bhitheadh iad fior, cha ’n eil na thatar a cur air an arm Bhreatunnach ach gle neo-nitheach an coimeas ris an losgadh ’s an leir-sgrios a rinneadh ann an cuid de na dùthchannan sin féin ri linn dhaoine nach d’ fhàg tir nam beò fhathast. Agus cha ’n aithne dhuinn gu robh dùthaich riamh roimhe a beathachadh ’sa gabhail cùraim de mhnathan ’s de chloinn nan daoine bha cogadh na h-aghaidh, mar a tha Breatunn a’ deanamh o chionn àireamh mhiosan. Nuair a thug Crugar a chasan leis do ’n Roinn-Eorpa, dh’ fhàg e a bhean am measg nam Breatunnach; agus ’nuair a thug Steyn ’s buill eile ’n Riaghlaidh aige na monaidhean orra, dh’ fhàg iad am mnathan ’s an clann anns na bailtean a bha gu tuiteam an lamhan nan daoine borba ceudna. Agus tha e air innse gu ’n do dh’ aidich bean Steyn o chionn ghoirid nach robh i féin ’s na mnathan eile cho math air an dòigh riamh ’nam beatha ’sa bha iad o’n thuit iad an lamhan nam Breatunnach. Tha bana-Ghàidheal òg ann an aon de bhailtean Massachusetts, a’ sgriobhadh mar so, an àm a bhith cur ugainn pàigheadh na bliadhna:—“Cha bhithinn as aonais MHIC-TALLA ged bhiodh e coig dolair orm an àite h-aon. Nuair a gheibh mi e tha mi ’ga thoirt leam d’ am rùm, ’s ’ga leughadh a mach dhomh fhin. Theid mi troimh na h-uile facal dheth mu ’n caidil mi, agus an sin b’ fhearr leam gu robh àireamh na h-ath sheachdain agam. B’ fhearr leam gu ’m biodh a h-uile fear us te aig am bheil Gàilig ’ga ghabhail; na ’m bitheadh, bhiodh paipear na bu mhotha againn. Is aithne dhomh gu leòr leis an fhior thoil a bhi ’ga leughadh, ach Oh! Cha ’n urrainn iad dolair a sheachnadh gus cur ’ga iarraidh! ’S e mo bharail nach eil moran toil aca; oir na ’m bitheadh, gheibheadh iad dòigh.” Tha an strike anns na h-obraichean iaruinn anns na Staidean a sgaoileadh ’sa fàs an neart. Dh’ fhairlich orra còrdadh sam bith a dheanamh, agus tha an t-strith ri dhol air adhart gus an fheudar do ’n darna taobh géilleadh. Tha na tha dh’ obraichean-iaruinn anns na Staidean gu ire bhig uile fo riaghladh aon chuideachd—cuideachd Mhorgain. Ann an cuid de na h-obraichean, tha an obair uile air a deanamh le daoine a bhuineas do “aonadh” an luchd-obrach. Anns na h-obraichean sin tha guth làidir aig an aonadh ann an deanamh an tuarasdail ’s nan uairean-obrach. Anns na h-obraichean nach eil fo ’n aonadh, tha an tuarasdal ’s na h-uairean obrach air an suidheachadh leis a’ chuideachd. Tha an t-aonadh a nise ’g iarraidh gu ’m bi na h-uairean ’s an tuarasdal co-ionnan anns na h-obraichean uile, co-dhiu tha an luchd-obrach ’s an aonadh no nach eil. Tha a’ chuideachd a’ diùltadh sin a dheanamh; agus ’se sin aobhar na còmhstri. Cia b’e taobh a chailleas, bidh an call ro-mhor, agus cia b’e taobh a bhuadhaicheas, bidh a bhuaidh a cheart cho mor. Tha cùisean moran na ’s fàbharraiche do ’n chuideachd na tha iad do na daoine, oir cha ’n fhada ’n ùine gus am bi na daoine ’s an teaghlaichean a’ fulang leis an acras, ni nach cuir dragh air buill na cuideachd ged nach buailte buille gu ceann bliadhna. Chaidh ceud de na luchd-obrach aig na Coke Ovens a mach air strike deireadh na seachdain ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Bha iad a’ faighinn $1.50 ’san latha agus bha iad ag iarraidh $1.75. Tha a mhor chuid dhiubh air a dhol air ais gu ’n obair roimhe so, gun àrdachadh sam bith a bhith air a dheanamh ’nan tuarasdal. REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A. W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 53] [Vol. 10. No. 7. p. 5] Naigheachdan. Tha cuid de na muillnean sàbhaidh an Cuebec air dùnadh le cion fiodha. Tha an t-uisge cho gann ’s nach gabh am fiodh giùlain g’ an ionnsuidh. Cuiridh so call mor air luchd nam muilnean ’s air an luchd-obrach. Bha cruinneachadh aig Conservatives na siorrachd anns a bhaile Di-ciaduin, a’ deanamh ullachadh air son taghadh luchd-pàrlamaid. Chaidh Cailean Mac Fhionghain agus Vincent Mullins a shònrachadh air son feuchainn aig an taghadh a tha gu bhi ann, reir gach coltais, romh dheireadh na bliadhna. Tha fios a thainig á Eirinn air an t-seachdain s’a chaidh ag innse gu robh na ban-bhuanaichean ann an Tipperary an deigh eirigh ann an ceannairc an aghaidh nan innealan buain. Bha iad a’ mearsadh troimh ’n bhaile le fear-cluig air an ceann. A bharrachd air a bhi ’g iarraidh cur as do na h-innealan, tha iad ag iarraidh àrdachadh tuarasdail dhaibh féin. Bha clach-oisinn seann tigh-na-cùrtach air a leagail anns a bhliadhna 1868. Bha an t-seirbheis an uair sin air a deanamh leis na Saor Chlachairean, agus an Coirneal Read air an ceann. Dhiubhsan a bha làthair ’sa ghabh pàirt aig an àm sin bha dithis a làthair aig leagail cloich-oisinn an taigh ùir—an Dotair Mac Gillebhràth agus Tearlach Townsend. Tha sgaoth de leumadairean-feòir an deigh bualadh a stigh air baile Naples, an staid New York. Tha iad ag itheadh suas gach ni a tha fàs, agus a’ deanamh sgrios uamhasach air an dùthaich. Cha chuir puinnsean no ni eile stad orra, agus tha na tuathanaich a gearradh an arbhair ’s ’ga chur a stigh bog, gorm mar a tha e air son na ’s urrainn iad a shàbhaladh. Thachair sgiorradh muladach ann an New Glasgow Dior-daoin sa chaidh leis ’n do chaill bean Fhearchair Shepherd a beatha ’si feuchainn ri a mac a shabhaladh. Thuit an gille beag ann an slochd domhain anns an robh deich troighean uisge. Leum a mhathair a stigh ga shabhaladh, agus chaidh aice cruaidh spairn air a cheann a chumed os cionn an uisge gus an d’ fhuaireadh a thoirt as a lamhan, ach bha i-fhein air a claoidh cho mor ’s gun deach i fodha, agus bha i air a bathadh. Bha i da fhichead us coig bliadhna dh’ aois, agus gle mheasail. Bha uasal d’ an ainm ’s d’ an tiodal Maidsear Astral ann an Sidni fad an earraich ’s an t-samhraidh so, a’ deanamh beòlaind shocair air leughadh bhoisean. Cha robh agad ach do bhois a shealltuinn dha, agus dh’ innseadh e t’ fhortain ’s do mhi-fhortan dhuit gu fileanta air son da dholair. Bha uaislean us ìslean ’ga ruigheachd, agus do chuid dhiubh dh’ innis e sgeul iongantach mu fhortan air an d’fhuair e fios á Austria—ionmhas falaich a rachadh aig air fhaotainn na ’n robh beagan airgeid aige. Thug aon bhean, a chuir creideas mor ann, da cheud dolair dha air chumha gu ’m faigheadh i earrann de ’n ionmhas. An deigh dhi sin a dheanamh, ghabh i aithreachas, agus chuir i maor os deigh a Mhàidseir, a bha direach aig an àm a’ fàgail a bhaile. Lean am maor air a thòir agus rug e air aig na Narrows Mhora. Chaidh a thoirt do Shidni, ’s chuir e oidhche Di-satharna agus Di-dònaich seachad anns a phrìosan; ach maduinn Di-luain chaidh a leigeil m’a sgaoil, air dha an t-airgead a phàigheadh air ais do ’n mhnaoi. Chaidh muileann sàbhaidh agus obrachaidh-fiodha a losgadh ann an Antigonish feasgar Di-sathairne s’a chaidh. Bhuineadh i do Iain Domhnullach. Tha an call air a mheas eadar deich mìle us coig mìle deug dolair, agus cha robh i air a h-urrasachadh idir. Tha na Geancaich car teagmhach fhathast co-dhiubh ’s i a bhirlinn ùr no an t-seann té a chuireas iad a ruith na reise ris an t-Shamrock II. Tha na dha a’ cur reisean aig an àm so, agus gu ruige so tha an Columbia a nochdadh gu h-i bàta ’s fhearr na an Constitution. Ma leanas i mar sin cha ’n eil teagamh nach i a’ ruitheas; agus bheir sin dòchas na ’s fhearr do Shir Tomas Lipton gu ’n coisinn e an duais. Tha bruidhinn a’ dol mu ’n cuairt anns na paipearan aig an àm so gu faod e bhith gu ’m bi àireamh mhiltean de na Boerich air an toirt do Iar Thuath Chanada, ’s air an suidheachadh an sin mar thuathanaich. Cha’n eil teagamh sam bith, na’m bitheadh iad dileas do ’n chrùn agus na ’n ionnsaicheadh iad an obair féin a dheanamh, nach biodh iad ’nan deagh shluagh anns an dùthaich. Bha an athraichean—na Dùitsich—nan daoine bha gle mhath air cosnadh, ach ann an Africa mu Dheas dh’ ionnsuich iad a bhi diomhain ’sa bhi cur na h-obrach gu h-iomlan air nàisinnich na dùthcha. Freagairt. Chunnaic Somhairle Caimbeul, fear gleidhidh an taigh-sholuis air Eilean Phòil, a ghrian ’sa ghealach agus rionnagan anns na speuran, còmhladh da thurus, ach cha ’n eil cunntas aige air na h-amannan. B’ ann ùine gle ghoirid an deigh éirigh na gréine a chunnaic e iad, agus bha an t-athar aig gach àm gu ire bhig còmhdaichte le neòil dhubha, ghruamach, air an robh coltas stoirme. Chunnaic Domhull T. Caimbeul, am Bràighe Ghlinn-Comhann, a ghrian ’sa ghealach agus. rionnag anns an speur, comhladh air latha Bealltuinn, 1886. Bha e ’g am faicinn bho eiridh na gréine gu aon uair feasgar, nuair a thainig an t-athar fo neoil ’sa chaidh iad as a shealladh. Tha Iain G. Mac Thearlaich ag innse gu bheil duine ’fuireach faisg air, aig an Abhainn Mheadhonaich, a chunnaic a’ ghealach agus a ghrian anns an speur còmhladh tri uairean. Aon turus dhiubh so, b’ ann mu dha no tri uairean feasgar, am mios Ogust, ’s e anns a mhachair a deanamh lòd feòir; an da thurus eile chunnaic e iad roimh mheadhon latha. Faodaidh an “t-Oigear Aineolach” mar sin a bhi fiosrach gu bheil an sealladh so ri fhaicinn aig amannan sònruichte, ged a tha e ’na ni gle neo-chumanta. Gheibhear cunntas aithghearr air an Dotair Mac Lachuinn air taobh eile dhe ’n àireamh so. Tha sinn duilich nach eil leabhar-òrain an Dotair a nise ann an clò; ma tha, dh’ fhairlich oirnn fhaotainn, agus dh’ iarramaid air fear-eigin de ar luchd-leughaidh a tha eolach air eachdraidh a bheatha no aig am bheil an leabhar tuilleadh de dh’ eachdraidh a bheatha chur ugainn. Cha ’n eil fhios nach dean “Domhnull Eachainn” fhéin sin nuair a leughas e so. Mur dean, tha sinn an dòchas gun dean an t-Urramach Mr. Sinclair, aig am bheil na h-uiread de dh’ eòlas ’s de thlachd ann an eachdraidh beatha ’s an saothair nam bàrd. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON. Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. [TD 54] [Vol. 10. No. 7. p. 6] Ath-leasachadh. NUAIR thainig mi dhachaidh cha do dh’ aithnich mo bhean fhein mi. Bha mo shron air a leudachadh comhnard ri m’ ghruaidh; aon de m’ shuilean cho dubh ri mas na poit-ghuirmein, ’s a h-uile meall air mo cheann, air tailleabh cas na sguabaich, cho mor ri ubh circe. Thainig an doctair, ’s thoisich e air mo chur ’an eagaibh a cheile. Dh’ fharraìd e de’n mhnaoi, ciod a ghne shroine ’bh ’ann mu’n deach a h-ath-leasachadh? “Sron gle eireachdail,” ars’ ise, “de’n t-seorsa ris an abair iad, Roman nose.” Dh’fheuch e mar sud i, ’s dh’ fheuch e mar so i, ach, Roman nose, cha ghabhadh deanamh dhith. Dh’ fhag e mi, mu dheìreadh, le plasda de shlan-lus ri m’ shroin; staoig de fheoil amh ri m’ shuil, ’s fuarlait ri m’ cheann, ’s thug mise fad mhios anns a’ cheanna-bheairt sin. Bha mi, mu dheireadh, uidh air ’n uidh, a’ tigh’n gu’m chruth fein, ’s ged a bha fhathast striam de bhogha-frois mu m’ shuil,, ’s ged nach robh mo shron, uile gu leir, cho Roman ’sa bha i, bha mi air chomas dol mu’n cuairt. Thill sinn do’n bhaile mhor, ’s gu dearbh, cha robh duilichinn orm miunntir an t-saile fhagail ’nar deigh. Feumaidh mi aideachadh nach robh mi cho dian ann an cuis an ath-leasachaidh an deigh dhomh tigh’n dachaidh ’s a bha mi mu’n d’fhag mi ’m baile. Cha’n ann a mhain a thaobh na giollachd a fhuair mi; ach a thuillidh air sin, am feadh ’s a bha mo cheann ’san fhuarlait, bha uin’ agam air a’ ghnothach a rannsachadh na bu mhionaidiche, ’s thainig mi, mu dheireadh, gus a’ cho-dhunadh, nach robh e daonnan iomchuidh, ma bha e idir ceart, a bhi’n comhnuidh a’ sparradh ar barail fein air daoin’ eile, olc air mhath leo e. Co againn is urrainn a radh le cinnt gur e ’bharail fhein is fearr na barail a choimhearsnaich? Ciod a’ chinnt a th’ agamsa nach robh an duine coirbte sin ag imeachd ann an slighe a dhleasnais, ’nuair a bha e a’ smachdachadh a mhnatha, ’s a theann mise ri grabadh a chur air. Tha mi nis lan-dhearbhte gu’n robh an creutair grannda mnatha sin feumail air a h-ath-leasachadh. ’S ann mar so a bha mi ’meorachadh air a’ chuis, ’nuair a thainig mi air poinneach balaich ’s e leadairt caileag, bhoidheach, cho neo-lochdach coltas ’s a b’ urrainn duin’ fhaicinn. Rug mi air chluais air ’s labhair mi gu sgraingeil ris, ’s dh’ innis mi dha an t-ait air an robh e stiuradh, mur deanadh e a bheusan ath-leasachadh. Sheall e orm car tiota, mar nach biodh e cinnteach ciod a bu choir dha ’radh no ’dheanamh. Mu dheirdadh, ghlaodh is chaoin e cho cruaidh’s a b’ aithne dha. Air ball, leum duine dorcha, geinneach, a mach a buth goirid uainn. Bha e gun chota, gun bhoineid, ach le aparan leathraich a’ comhdach a thaobh-beoil o mhuineal gu aobrainn. Dh’ fharraid e gu feargach, ciod a rinn mi air a’ bhalach, no ciod an gnothach a bh’ agam ris? Dh’ farraid mise, ciod an gnothach a bh’ aigesan ris a’ chaileig neo-lochdaich a bha e ’cnapadh ’s a’ ciannadh cho an-iochdmhor? Gun fhacal tuillidh air no dheth, chuir e smugaid thombaca ’na laimh; sgailc e ’bhasan ri cheile; dhruid e’ dhuirn, ’s thug e cuireadh dhomh tigh’n air m’ aghairt. Bho’n nach do ghabh mis’ an cuireadh ’s a’ mhionaid, thog e seorsa de dh’ iolach, no brosnacha-catha, ’s leum is dhamhs’ e mu’n cuairt orm cho luath ri gille-mirein, gus an do chuir e mo cheann ’an tuainealaich a bhi stri ri suil a chumail air. ’Nuair a thog e an iolach a dh’ ainmich mi, mu’n abradh tu, “bo thugad!” bha sinn air ar cuartachadh le graisg a’ bhaile, mnathan is clann; garlaich bhalach, ’s prabar mar sin, ’s a h-uile sgornan an sin fosgailte am aghaidh fhein, ’s gun fhios, gun fharraid aig a h-aon diubh ciod a bha cearr. Mu dheireadh fhuair mi cothrom air bristeadh a mach a measg na cuideachd neo-chubhraidh so, ’s theich mi le ’m bheatha; ach ma theich, cha robh iadsan idir sgith de ’m chuideachd-sa, ’s leam iad mi. Chuir mi ’s na buinn cho math ’s a rachadh agam air; ach air fheobhas ’s gu’n cluichinnsa na pleadhain, bha slapail an aparain leathraich ’am chluasan. Shin sinn as, a suas aon sraid, ’s a sios sràid eile; agus cha robh cu fuadain no balach miomhail a thachair oirnn, nach do thionndaidh leinn gu sunndach a ghabhail pairt anns an ruaig. Chaill mise mo bhoineid, ’s bha na riobagan fuilt a lean ri m’ cheann a’ feadalaich ’s a’ ghaoith, ach cha robh uine r’a sheachnadh a dh’ amharc air son broig no boineid. Bha m’anail ’am uchd, ’s mo ghluinean a’ failneachadh, ach chuimhnich mi air na daoin’ o’n d’ thainig mi, ’s mar a b’ abhaist domh cumail a suas ri faoghaid an fheidh air aisridhean corrach na Beinne-brice, ’s thug mi aon oidheirp eile a chur leud nam bonn eadar mi ’s mo luchd-leanmhuinn. Bha mi ’nis a’ tigh’n faisg air an tigh, ach leis an ulfhartaich oillteil a bh’ aig mo luchd coimhideachd, bha na coimhearsnaich, beag is mor, sean is og, a mach gu’m meadhon air na h-uinneagan; an suilean ’s am beoil fosgailte; deas gu beannachadh no mallachadh, direach, mar chitheadh iad freagarrach; ’s ged nach robh fios fo’n ghrein aca ciod a thachair, thainig iad gun dail, gun teagamh, gus a’ cho-dhunadh, gu’n d’ rinn mise ni-eiginn fìor olc, Mort air a’ chuid a bu lugha. Fhuair mi, mu dheireadh, a’ chomhladh ’chur eadar mi ’s fear an aparain leathraich, ach gu firinneach b’ aimhealach an gnothach leam, a bhi air mo ruagadh dhachadh troimh shraidean follaiseach Dhuneidinn, le coin is geocaich a’ bhaile mhoir as mo dheigh. B’e iarrtas mo chridhe aig an am: O, air son claidheamh geur da fhaobhair—claidheamh a sgathadh cinn o cholanna ’s a ruigeadh gu eadar-sgaradh nan alt ’s nan smear, na’n robh AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Seall an so air son SANUS UR Air an ath Sheachdain. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. [TD 55] [Vol. 10. No. 7. p. 7] sin agam, bheirinnsa aichmheil a mach air a’ ghraisg sin air son na tamailt a chur iad orm! ’Nuair a fhuair mi m’ fhuil is m’ fheoil a chiuineachadh, thug mi boid air feusag a’ chait, ged a chithinnsa prabar a’ bhaile so, dol ’an comhair mhullach an cinn do dh’ ait a ’s teotha na Innsean an Ear no ’n Iar, gur e so am fear nach togadh lamh no cas g’an cumail air an ais. Ciod e mo ghnothachsa riutha? Nach ’eil a’ Chleir an sin a dh’ amharc ’nan deigh; ach tha ’Chleir cho bith-dheanadach ag ath-leasachadh an Aidmheilean, ’s nach ’eil uin’ ac’ air na ceart aidmheilean sin a chur an gniomh. ’S i mo bharail-sa gu’m bheil tuillidh eifeachd ann an cuaille math bata ’chum dream araid ath-leasachadh, na tha ann an lan sgireachd de dh’ aidmheilean, air cho diongmhalta ’s gu’m bi iad air an tarruing suas. Biodh na nithe sin mar a dh’ fhaodas iad, fhuair mise na dh’ fhoghnas dhomh de dh’ obair an ath-leasachaidh. Litir a Ceap Nor. SHAOIL mi gu’m biodh naidheachdan gu leor aig an Tuathanach Bhan ’n uair philleadh e a Sidni a Tuath, a dh’ fhaodinn a sgriobhadh ’ s an litir so; ach mu tha cha cheadaich e dhomh ach beagan dhiubh a chur gu Mac-Talla aig an am so, agus cha’n ’eil fhios agam am fiach am beagan sin fhein a chur an clo. Mur fiach tha fios agad fein de nì thu riutha. Dh’ fhag e’n t-aite so air aon de na pacaidean mu thoiseach a mhios, agus chuir e seachad oidhche chiuin, nach robh idir blath, air clar uachdar na luinge a mach o Smokey. Cha do choidil e priob re na h-oidhche, agus cha mhodha b’urrainn e blasad air biadh; ach cho luath ’s a fhuair e cas air tir aig Sidni a Tuath an la-iar-na-mhaireach, ghabh e mach tri mile as a bhaile. An deigh deadh dhinneir a ghabhail an tigh caraide dha, choidil e cho fada ’s gur gann a chreideadh e gur e fein a bh’ann ’nuair a dhuisg e. An deigh a bhi la no dha an Sidni a Tuath, co thachair ris an sin ach a dheadh charaide, Alasdair Og. Bha Alasdair an deigh a bhi car uine ag obair ’s a bhaile sin, agus bha e ullamh gu pilleadh gu ’dhachaidh an Ceap Nor. Dh’innis an Tuathanach dha gu’n robh fiodh taighe aige air bord na luinge, agus gu’m biodh e fior thoilichte na’m fanadh esan maille ris re seachduin a’ cur an taighe ri ’cheile. Dh’ aontaich Alasdair coir air ball, agus cha ghabhadh e duais no tuarasdal ach a mhain na phaidheadh a bhord re na seachduin. Cho luath ’s a fhuaradh am fiodh air an laraich chaidh na seoid an sas ann an cur suas an taighe. Bha choltas air Alasdair nach robh e idir toilichte leis na bha ’n Tuathanach a cur seachad dheth ’n uine ann a bhi beachdachadh air an trein ghuail gach uair a bhiodh e ’gabhail seachad. ’Nuair thug an Tuathanach sin fainear, dh’ iarradh e air Alasdair ’obair a leigeil seachad, agus e beachd a ghabhail air maise, neart agus luathas an eich iaruinn, &c. Mar bu trice cha togadh Alasdair a cheann, ’s rachadh e air adhart leis an obair mar nach biodh each iaruinn no carbad guail ’s an t-saoghal. ’Nuair fhuair iad an taigh ’s an ire bha ’n an run phill iad dhachaidh air an Weymouth. Am measg na muinntir a ghabh an turas air a bhata sin bha Mayor Meinnean Shidni. Cha’n aithnicheadh neach sam bith air a ghiulan gu’n robh e ann an dreuchd cho ard; ach mur aithnicheadh bha duine og eile air bord a bha smuaineachadh moran dheth fein. Bha esan a tighinn air chuairt ghoirid do ’n duthaich so an deigh a bhi beagan bhliadhna am Boston, agus shaoilte air a ghluasad agus na bha aige ri radh nach ’eil an Ceap Breatuinn ach duthaich nach ’eil idir freagarrach do’n duine a tha annsan. Bha bicycle aig an duine iongantach so, agus bha e ’gabhail a chothrom air innse do gach neach nach ’eil rothair d’ am fiu an t-ainm ri ’m faotuinn an Sidni idir, &c. Coma co-dhiu, ’nuair a rainig an Weymouth Ingonish dh’ fhalbh e air tir air an rothair agus bha e gu bhi an Acarsaid Neill a thiota. ’Nuair shaoil cacha gu’n robh e astar mor air adhart, de b’iongantaiche leo na ’fhaicinn air tilleadh agus bann aon roth air a ghearradh troimhe le cloich gheir air na ruith an rothair ainmeil so thairis. B’fheudar dha fuireach air bord an oidhche sin, agus ’nuair dh’ fhag e ’m bata gu dol air tir an Acarsaid Neill an la-iar-na-mhaireach, bha sgioba ’bhata ag radh ri cheile nach b’ fhada dh’fhanadh e ’san aite sin, nach robh rum gu leor aige ann. Mur deachaidh e an eisiomail Shidni air son an rothair fhaotuinn air doigh, cha’n urrain e ’nochdadh do’n chearna so dhe’n t-saoghal an t-astar a ni esan le rothair Geancach. M. D. Ceap Nor, Iulaidh 31, 1901. A Bhan-diuc ’s an Gille Beag. An uair a bha Bandiùc Chornwall ann an Australia air an t-samhradh so, chaidh i aon latha do ’n tigh-eiridinn ann am baile-mor Shidni. Sheas i aig taobh leapa anns an robh gille beag ’na shineadh, agus dh’ fheoraich i gu de bh’ air. “Bhrist mi mo chas,” ars’ an gille. “Ciamar a rinn thu sin?” ars’ a’ Bhan-diùc. “Thuit mi bhar mullach feansa ’s mi feuchainn am faicinn a Bhan-diùc, agus cha ’n fhaca mi i an deigh sin.” Rinn a Bhan-diuc an sin i-fein aithnichte, ag radh, “Tha mi cinnteach gu ’m b’ fhearr leat nach d’ thainig mi riamh do Australia, ach a nise tha thu ’g am fhaicinn dhut fhein.” Shuidh i tacan ri taobh na leapa, a’ còmhradh ris a ghille bheag, agus ’nuair a dh’ fhag i e, bha e cho toilichte ri righ, ’s cha robh caoidh sam bith aig air a chois bhriste. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Sidni, C. B. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 56] [Vol. 10. no. 7. p. 8] Oran do’n Chogadh Ruiseanach. LE ALASDAIR MAC GILLE-MHAOIL. ’S an cuala sibhse mar a thachair Do na gaisgich anns a chruadal, Aig Sebastapol a chaisteil ’S ann a thachair la an uamhais; ’S iomadh fear a rùisg a ghlas-lann, ’S e ga tarruing bho smear chruaidhe; Is bu bheag an déidh do ’n Iompair’, ’S do na miltean ’chuir e uaithe. Is ann ’sa mhaduinn Di-dòmhnaich ’Shin a chòmhstri, ’s gu’m bu chruaidh i: ’S gur iomadh mile chaidh a leònadh Nach d’ thainig beò as an tuasaid; Ged bha ceathrar air son aon fhir Air an raon ri aghaidh bualaidh, Sheas na Breatunnaich an t-àrach Mar a b’ àbhaist ri uchd cruadail. ’S ann tre chealgaireachd ’s tre bhagradh ’Shin am baiteal ’s gu ’m bu dian e Ghealladh òr dha na bhiodh beò, Is saoibhreas glòrmhor mur a pill iad. ’S barail leinn gur mor am peacadh Rinneadh air an t-sluagh da rireadh; ’S cinnteach mi gur cruaidh an acaid Pilltinn dhachaidh, ’s iad air striochdadh. Sud an fheadhainn a bha smearail, ’S a bha ealant’ anns an làmhaich, ’S iad ga ’n sgathadh ris an talamh Mheud ’sa dh’ fhan dhiubh air an làraich; ’S rinn iomadh mile dhiubh tuiteam Anns a chumasg ’s an robh ’n t-uamhas: Amhuinn Chrim’ air fiamh na fala, ’S i cur thairis air a bruachan. ’S thainig na h-eich chruitheach, ghlasa Thun a bhaiteil, ’s iad nan deann-ruith, ’S a marcaichean sunndach, làidir, Nach gabhadh sgàth bho ’n naimhdean; ’S iad nan duin air aghaidh bheanntaibh ’Sruthadh leis na gleanntaibh casa, ’S cinnteach mi gun d’ rinn iad bearna, ’S rioghachd Shàtain ’chur fo ’n casaibh. ’S thainig an sin air an cùlthaobh Reiseamaid dhùmhail de Ghàidheil, An ceithir fichead ’sa tri deug sin A bha riamh an cois nam blàraibh; Bhuineadh iadsan do ’n Bhan-Iarla— Seanachas fior a tha mi ’gràtinn— ’S gur iomadh Ruiseanach liath-ghlas, ’S toll troimh chliabh bha ’m Balaclava. Saoghal fada do na Bhanrigh’nn, ’S do na stàiteachan mu chuairt dhi, ’S do gach oifigeach bu tréine A rinn feum ri uchd a chruadail, ’S do gach saighdear làidir, dileas, Nach do phill ro mheud na luaidhe, A choisinn urram do an rioghachd, Ged a fhuair sibh stri ga ’m bualadh. Buaidh a chlaldheimh dhuit, a Shasuinn, Anns gach baiteal anns an teid thu, Maille ris na fearaibh tapaidh ’Thig a Albainn is a Eirinn! Cha dean sinn di-chuimhn’ air an Fhrangach Anns an aimhreit rinn leibh éiridh: Bha ’bratach shioda agus srann aice Ri crann gu ’n mheang do ’n t-seudar. Buaidh na mara dhuit, a Bhreatuinn, ’S gun robh ’m Freasdal féin ga d’ chomhnadh! ’N àm bhi bombardadh a bhaile, Bhiodh do chanain anns a chomhrag; Cha bu dual dhuit dol am falach, Ged a theannainsa ri ràitinn: Cumaidh darach uaine Bhreatuinn Ris na thig a deas bho ’n Asia. Cuim nach labhrainn air Sir Cailean, Fiuran fearail a dh’ fhàs uasal, A ghineadh bho ’n an treubh bu rioghail A bha ’n Ile glas nam fuaran; Bha thu ’n dail am fàbhar Bhreatuinn, ’S tu ’ga seasamh anns gach cruadal; ’S dhearbh thu dhaibh gun robh thu dileas, Nuair a chaidh an tir a bhualadh. ’S ged bu làidir, cruaidh an daighneach Bh’ anns a cheann sin aig an Iompair’, Cheannsaich Breatuinn mhor san Fhraing e, ’Dh’ aindeoin gamhlas luchd a mhi-rùin; ’N àm bhi direadh na parapait, ’S iomadh fear a thuit gu h-iosal, ’S peileirean bho bheul nan canan Tigh’nn nan deannamh ’s cha do phill sibh. ’S ge b’e co a tha fodh ’n bhrataich, Le cuid stiallan breaca ’n òrdugh, Le dath dearg air fiamh na fala, Mar ri suaicheantas na leoghainn; Bithibh dileas do an rioghachd, ’S do an tir am bheil ar comhnuidh, ’S na biodh reubaldach a chi sibh Gun a chur a dhith le cocraich. ’S thig an t-sith mu ’n cuairt a dh’ aithghearr, ’S cha bhi dortadh fala buailteach, ’S gun teid ceangal ’chur air Sàtan, Agus càirear anns an uaigh e; Sgaoilidh fireantachd a Bhiobuill Anns na rioghachdan mu’n cuairt duinn; ’S cha bhi ’n Sultan mar a b’ àbhaist, ’S gheibh Mahomed bàs an uair sin. ’S ged tha mo chiabhagan air glasadh, Agus m’ astar air fàs slaodach, Dhuirichdinn a bhi ’s a bhaiteal, Ged a ghiorraichte mo shaoghal; Bhuailinn sràchd le faobhar Shasuinn, Mar bu chleachdte le mo dhaoine; ’S nan tachradh dhomh gu’n tiginn dhachaidh, Gheibht’ an eachdraidh aig Mac Mhaoilean. Rinneadh an t-òran gasda so le Alasdair Mac Gille-mhaoil a mhuinntir Abhuinn Inhabitants, an Ceap Breatunn. Bha e air a chlo-bhualadh anns a MHAC-TALLA roimhe ’s a bhliadhna 1892. Chuir “Domhull beag Mac Eoin” a Springhill, Nobha Scotia, pàirt dheth ugainn air an t-seachdain ’sa chaidh, agus ’s ann air iarrtus-san a tha an t-òran air a chur an clo aig an àm so. Iadsan a Phaigh. A. I. Mac Fhearghais, Caribou Marsh. Aonghas Moireasdan, Grand Lake. Domhull A. Mac Fhearghais, Big Ridge. Iain Mac Odrum, Sidni. P. D. Mac-an-t-Saoir, French Road Uisdean Domhnullach, Whitney Pier. Ailean Mac Leoid, Whitney Pier. Iain Mac Aidh, Kempt Road. R. N. Mac Gilleain, am Bagh an Iar. Niall Mac Coinnich, Fourchu. Niall Mac Gilleain, Fourchu. Domhull Mac-a-Phearsain, Sydney Mines. Colla Caimbeul, ceann Bagh Hogamah. Domhull Mac Eachairn, Mabou. Ceit Mhoireasdan, North Gut. Lachuinn Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree. Anna Chaimbeul, Ceap Nor. Ailean Domhnullach, Abhainn a Bhradain. Ruairidh Mac Neill, Bridgeport. Dughall S. Caimbeul, Seana Bhridgeport. Ruairidh Mac Gille-mhaoil, Meinn Lorway. Ailean Mac Isaic, Meinn Bhroad Cove. D. I. Mac Isaic, Edwardsville. Peigidh Nic Gilleain, Cobh a Bheabheir. Iain D. Beutan, Broad Cove. Eoghan Mac Leoid, Gabarus. Alasdair Camaran, Lochabar, N. S. Somhairle C. Caimbeul, Eilean Phoil. Domhull M. Ros, Gleann Frithe. Niall A. Mac Gill-fhaollain, Broad Cove. Iain Grannd, Lagan, Ont. Dr Uisdean Mac-a-aPhearsain, Oilthigh Antigonish. Alasdair Mac-a-Phi, Loch Katrine, N. S. E. D. Nic Amhlaidh, Abhainn Dhennis. Tearlach Mac Leoid, Framboise. Peigidh S. Ghillios, Braigh Mhargaree. Eachuinn Mac Fhionghain, Priceville, Ont. Anna P. Nic Laomuinn, Tiverton, Ont. Caipt. Calum Mac Leoid, Vancouver, B. C. Murchadh Mac Laomuinn, Quincey, Mass. M. D. Nic Leoid, Mattapoisett, Mass. A. M. Nic Dhughaill, Portsmouth, N. H. Donnachadh Mac-an-Leigh, Portsmouth, O. Domhull Mac Laomuinn, Detroit, Mich. Domhull Rothach, Reynoldstown, N. Z. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ceannachd Posta. Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu....... Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 57] [Vol. 10. No. 8. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 23, 1901. No. 8. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XIV. CHAIDH an geamhradh seachad mu dheireadh, ’s bu leasg leis, a réir coltais, ìnean iarnaidh a thoirt á greim. Ach bha ’n latha ’fàs fada, ’s a ghrian a fàs laidir, ’s thòisich an sneachda ri leaghadh, ’s bha sruthain shiubhlach ’s an ceum ris a ghleann ri ’m faicinn ’s ri ’n cluinntinn air gach taobh. Dh’ fhàs an gleann car mi-thaitneach ’s an àm. Cha bu chuimhneach leis an Innseanach bu shine nam measg uiread shneachda fhaicinn ’s a bh’ ann air a gheamhradh a bha nis aig crìch; agus faodar a thuigsinn gu ’n robh tuiltean os cionn a’ chumantais ann mar sin. Air maduinn àraidh, mu ’n robh duine air a chois ’s a ghleann, chualas fuaim ’us toirm nach cualas riamh a leithid—mar gu ’m biodh reiseamaid thairneanach a cur reis. Bha ’mhaduinn soilleir, ’s mar sin chualas an fhuaim astar mor air falbh, ach mar gu ’m biodh i sior thighinn na bu dluithe. Leum gach aon a mach. Cha robh éideadh a cur moran dragh ach air na Gàidheil fhéin, ’s a nis an aimsir blàth, ach bha gach aon a giùlan nan gnothuichean bu mheasaile bhuineadh dha. Ann an ùine ghoirid chunnaic iad màthair-aobhair na toirm, a bha nis a fàs na bu chruaidhe ’s gus a bhith aca. B’e so an sealladh a chunnaic iad: Stuadh mhor chaoireach gheal a nuas grunnd a ghlinne, anns an robh àirde agus leud mor, ’s i sguabadh leatha gach ni a thachradh rithe, a spìonadh nan craobhan as am freumhaichean, ’s caoban mora dhe ’n talamh fhéin nam measg. Bha na mìltean tunna dheth gach seorsa sprùillich a crùnadh na stuaidh so, a bruanadh ’s a bristeadh mar fhuaim airm reiseamaid chogaidh. Ged a bha na bothain air an togail os cionn tiurr àbhaisteach nan tuiltean earraich, chunnaic iad gu ’n robh stuadh chireineach, iongantach so air thuar an cuartachadh, ’s mar sin ghabh iad an ratreut suas am bearradh. Mu ’n d’ fhuair iad suas chualas ràn goirt nan deigh, agus air dhaibh tionndadh chunnaic iad boirionnach bochd a strith ri triuir na ceathrar chloinne fhaighinn leatha, agus faisg dhi seann Innseanach crùbach na shìneadh air làr gun chomas éirigh. Shad Aonghas a chuid de ’n imrich gu Calum, ’s leum e sios ’s am bàs gu bhi aca. Bha ’n sgua ’sa chlann nan torr cruinn, ’s chruinnich Aonghas na ghairdeanan iad uile, ach cha robh fios aige ciamar a shàbhaladh e ’n seann Innseanach. Leum e suas leis an ultach ’s an cuan gu bhith aige, ach bha e air son an t-Innseanach a bhith leis, ’s gun ùin’ aig Calum tighinn ’ga chuideachadh. O nach b’ urrainn e ’n corr a dheanamh, chuir Aonghas a chas fo ’n t-seann fhear ’s phut e pios suas e, ’s rinn e sin turus na dha gus an d’ fhuair o iad uile sàbhailte air bàrr a bhruthaich. “Nach ann oirnn a chaidh an sàbhaladh!” arsa Calum. “Na ’m biodh an t-uisge beò ud air tighinn oirnn mu mheadhain oidhche, bha sinn air a bhith an drasda an cuideachd nan Innseanach am frithean aoibhneach na seilg air an t-saoghal eile. Seall na bothain, ’Aonghais, ’s nach fhaic mi ach bàrr an t-simileir againn fhìn; ’s cinnteach gur e na maighdeanan-mara a bhios a cur seachad na h-oidhch’ an nochd annta.” “Thig dhuinn a bhith taingeil,” ars’ Aonghas, “nach ’eil sinn am frithean aoibhneach nan Innseanach fhathast. Ach saoil, a Chalum, nach ’eil truas agam ris na daoine bochda ’bha cho caoimhneil ruinn ’nar càs, a bhi ag altrum a leithid do bheachdan faoine ’s a th’ aca mu ’n t-saoghal eile. Ach tha dòchas agam gu ’m faigh iad eolas ’us fiosrachadh fhathast a sguabas air falbh na beachdan mearachdach ’s gach faoineis anns a bheil iad a creidsinn cho daingeann, mar a sguab an tuil an gleann ud shios. Bha mi smaointean, a Chalum, iomadh uair, nam faigheamaid gu bràth air falbh as a so gu àite criosdail, mar tha dòchas agam gu faigh, gun toireamaid leinn Ni Math, oir bhiodh e deònach gu leor ar leantuinn air son ionnsachadh ’us eolas fhaighinn mu ’n chreideamh Chriosdail bheannaichte, a dh’ fhàgadh tiorail, tùrail iad, seach an dorchadas anns a bheil iad an tiodhlacadh a nis, ’s gun tilleadh e air ais gu ’chàirdean an so gus an teagasg ann.” “Tha sin gle mhath, ’Aonghais, agus tha mi ’n dòchas gu ’m bi ’chuis mar sin: ach tha iomadh ceap-tuislidh ’san rathad, a nochdas mi dhut mar so: Tha fios agad fhéin gu bheil iomadh meur ’sa chreideamh Chriosdail, agus beachdan air leith aig gach aon dhiubh mu iomadh ni. A nis, cha ’n ’eil teagamh nach buin daoine math ’us dona do gach meur, ach cha ’n ’eil sin ag atharrachadh na cuise. Abramaid, ma ta, gun tigeadh pears’-eaglais no fear-ionad aon dhiubh so le dùrachd mhath agus le tàlantan air leith a theagasg na treubh so fhéin. Ghabhadh iad ris gu caoimhneil, abraidh sinn, ’s gheibh e eolas air an cainnt, ’s ionnsaichidh e an creideamh dhaibh le dichioll mar a fhuair e-fhéin e, ’s chuireadh o gach cuspair fa ’n comhair mar a bha e-fhéin ’ga fhaicinn leis na glaineachan àraidh a bhuineadh dha ’n taobh o’n d’ fhuair e iad. Abramaid gun do ghabh iad ar creideamh gu toileach, ’s leis a h-uile deagh dhùrachd, ’s gun robh iad cho dìleas dha ’theagasg ’s a bha a cheud fheadhainn a lean e, air chor ’s gu robh ’n duine còir, a thug le cuideachadh Dhé as an dorchadas iad, làn riaraichte le ’obair. Fàgaidh e iad, ma ta, car greis, ’s theid e dh’ amharc air a chàirdean fhéin. Fhad ’s a tha e air falbh, thigeadh fear-teagaisg a bhuineas do mheur eile, agus a tha cho diadhaidh, ’s cho dìleas, ’s cho dùrachdach air a thaobh fhéin, ris an fhear a dh’ fhalbh. Chuir iad fàilt ’us furan air. Chòrd a dheanadas ’s a ghluasad riutha, ’s fhuair e eòlas air an cainnt ’s air am beachdan mar a rinn am fear eile, ’s air a chreud a fhuair iad o’n fhear eile. Ach chaidh esan gu obair ’s dhoirt e uisge fuar air cuid dhe ’n chreideamh ùr—’s dòcha gu ’m b’e chuid bu taitniche leis an fheadhainn a bh’ air an iompachadh. Innsidh e dhaibh gu robh moran bhreug agus beagan firinn anns na fhuair iad, ach gun toireadh esan dhaibh an creideamh anns an doigh cheart, fhìrinneach. Dé thachradh an uair sin, ’Aonghais? Chrùbadh iad air an ais do ’n t-seann t-slighe a dh’ fhàg iad, am measg gach faoineis ’us dorchadas a chaith iad dhiubh, ag ràdh ris: ‘A lighiche, leighis thu fhéin! Tillibh air ais do ’n àit’ as an tainig sibh, agus cuiribh a chuis air doigh eadraibh fhéin, agus an sin rachaibh a theagasg dhaoin’ eile!” “Cha ’n ’eil mi ag ràdh nach ’eil tomhas de dh’ fhìrinn anns na thubhairt thu, a Chalum,” ars’ a charaid; “ach air a shon sin faigheadh iadsan eòlas air an stoc air Ughdar cuid de na meuran sin, agus theid mi fhìn an urras nach till iad ris na seana bheachdan gu bràth.—Ach air an t-saoghal dé tha toirt air an fheadhainn dhubha sin thall a bhith ’gàireachdaich, a Chalum. Ha! ha! a Chalum, tha mi faicinn an reusain a tha ga ’m fàgail cho cridheil. An ainm an àigh! cuir umad do bhriogais ceart? Seall a cùlthaobh air do bheulaobh!” “Ma ta, gu ma h-olc dhi!” arsa Calum, “cha b’ i a chleachd mi ach am féile còir; ach ’s e chabhag a teicheadh romh ’n tuil a dh’ fhàg mar sin i. Ach, a charaid,” arsa Calum, ’s e an impis strachdadh a gàireachdaich, ’s e air sùil gheur a thoirt air Aonghas, “thoir an t-sail as do shùil fhéin an toiseach. ’S ann a tha colair a chòt’ agad mu d’ mheadhain ’n àite bhith mu d’ amhaich! Bheireadh tu gàir’ air comhachaig!” “Air m’ fhacal,” a Chalum, “nach bòidheach sinn da rireadh. Sin agadsa na droch uinneagan an àm eirigh. Nach saoileadh neach a chitheadh sinn gur ann air teicheadh á taigh-caothaich a tha sinn. ’S cha ’n e sin uile gu léir ach na cuspairean cudthromach air an robh sinn a bruidhinn ’san àm, ’s ann air ’tha mi smaointean, agus air cho pongail ’sa bha thu fhein, a Chalum. Na ’m biodh tu cho pongail daonnan, ’s ann a bheirinn a chomhairle ort a bhriogais a chumail umad mar a tha i.” “Ni mise sin ma dh’ fhàgas tu fhéin an còta mar a tha e; ’s tu thug a mach am fasan, agus a dh’ fhosgail a chùis mu iompachadh nan Innseanach an toiseach. Ach bidh solus gu leor againn á so suas. Cha chum rud sam bith a muigh e. ’S cha ’n ’eil mi fhéin duilich air a h-aon na bothain dhubha fhàgail. Faodaidh iad a bhi nan caistealan aig na maighdeanan-mara fhad ’s a thogras iad. Ach air an t-saoghal, ’Aonghais—” Chaidh stad a chur air teanga Chalum an so, oir chual’ iad glaodh uamhasach, agus air dhaibh sealltuinn chunnaic iad cnapach féidh na chruaidh leum a dol seachad orra, ’s seann Innseanach beag tioram air a mhuin, ’s e ag eigheach aird a chlaiginn. Dé bh’ ann ach chunnaic e ’m fiadh na laidhe fo phreas, ’s dh’ ealaidh e cho balbh uige air chor ’s nach do dh’ fhairich am fiadh riamh e; ach cha robh ni aige leis am marbhadh e e, ’s deagh acras air cuideachd. Mar sin leum e air a mhuin, ann an dùil gu ’n cumadh e ’m fiadh gus an tigeadh cuideachadh. ’S e bh’ ann dh’ fhalbh am fiadh leis an t-sealgair, ’s gun am fear sin air son a chall idir, ’s greim bàis aig air, gus na sguab a choille bhar a mhuin e. Champaich iad far an robh iad gus an traoghadh na h-uisgeachan, ’s toil aca na dh’ fhàg iad ’s na bothain fhaighinn mu ’n gluaiseadh iad air falbh mu dheas; oir b’ ann an taobh sin a bha dùil aca tachairt air daoine dhe ’n dath fhéin, ma bha iad idir san tìr. (Ri leantuinn). [TD 58] [Vol. 10. No. 8. p. 2] Domhnull Beag. * LE IAIN MAC AONGHAIS. RUGADH Domhnull Beag ann an cearna do ’n Ghàidhealtachd ris an abair iad an Dùnan Ruadh. (Tha sin ann an sgrìobhadh againn, mar a tha sibh a’ faicinn le ’ur sùilean féin). Agus mar a tha e na chleachdadh gle chumanta anns an àite sin, agus ann an cuid do dh’ àitean eile, ’s ann air a mhàthair daonnan a dh’ ainmicheadh a luchd-eòlais e. Tha mi a smaoineachadh gu ’n d’ eirich an cleachdadh so anns na dùthchannan far am bi na fir air falbh bho ’n tigh roinn mhath do ’n bhliadhna, ga ’n cosnadh ann am bailtean mora agus air machraichean na Galldachd, agus air an aobhar sin tha a chlann (far a bheil iad) ni ’s trice air am faicinn fo chùram na mathraichean na ann an comunn an athraichean. Mar sin, mata, a reir a chleachdaidh sin, theirteadh Domhnull Mòraig ri ’ar caraid, oir ’s e Mòrag an Dùnain a b’ ainm do mhàthair. A measg a chàirdean ’s a choimhearsnaich ’s gann a chluinneadh sibh ainm ’athar idir, agus leis a sin fàgaidh sinn mar sin fhéin a chuid sin do ’n chùis. Faodaidh e bhi gu ’m bheil cuimhne aig cuid agaibh co-dhiù, gu ’n do dh’ ainmich mi an uiridh dhuibh fear ris an abradh iad Dòmhnull Mòr. Tha mhiann orm mata an drasda, le ’ur ceadsa, beagan luaidh a thoirt air nàbaidh do Dhomhnull Mor ris an canadh iad Domhnull Beag, oir, mar is trice feumaidh far an robh Domhnull Mor gu ’n robh Domhnull Beag cuideachd. Chaidh mathair Dhomhnuill Bhig fhàgail ’na bantraich ’nuair a bha esan na naoidheachan maoth, agus cha robh do theaghlach aice ach e fhéin. Tha sin againn ann an sgriobhadh cuideachd! No mar a theireadh Domhnull fhéin mu ’n do dh’ fhàs e suas, ’nuair a bhiodh gillean eile a tarruing as, agus esan a bagairt sid ’us seo a dheanamh orra—“Ged nach ’eil annamsa ach mac aon bhantraich!” Ciamar a b’ urrainn e ’bhi na mhac do dha bhantraich no do thri bantraichean cha deachaidh sin innse dhomhsa, agus feumaidh mi aideachadh nach ’eil mi fhein ro mhaith air breithneachadh ghnothuichean neo-shoilleir do ’n t-seorsa sin ann. Ach ann am baile mòr mar so (baile mor Ghlascho) far a’ bheil moran do dh’ fhoghlum agus do sgil faodaidh e bhi gu bheil cuideigin ann a dh’ fheuchas ris a cheisd chudthromach so fhuasgladh ma throgras e fhéin, ’s mar a togair cha ’n ’eil comas air. Tha so a’ cur na m’ chuimhne naigheachd bheag a chuala mi mu Dhomhnull ’nuair a bha e ’na bhrogachan beag. Chaidh a chur air ghnothuch latha bha sin do bhùtha a bha greis air falbh bho ’n dachaidh aige. “Tha mi,” ars’ esan, “ag iarraidh a leithid sid, ’sa leithid so, ’sa leithid ud eile”—’s e ag ainmeachadh nan gnothuichean a bha a dhith air, ’sa bha ri ’n cur ann an cunntas bheir sibh an aire. “Co dha ’tha iad?” thuirt fear na bùtha. “Cha deachaidh sin iarraidh orm innse!” fhreagair Domhnull. Cha robh e cho simplidh sin. “Hut,” thubhairt am fear eile, “faodaidh tu innse dhomh fhein. Cagair na m’ chluais, ’s cha toir mise iomradh air ri neach sam bith.” Chòrd iad so a dheanamh, ’s fhuair Domhnull am bathar, ’s thug e as dhachaidh leis, le mor phròis cho teòma ’s a bha e. ’Nuair a bha Domhnull òg, cha robh bùird sgoile idir anns an tir, ’s cha robh sgoilean cho lionmhor ’sa tha iad air an latha an diugh, nuair nach mor nach ’eil tigh-sgoile air ceann gach cnoic. Ach air a shon sin, an oigridh aig an * Air a leaghadh aig Ceilidh nan Gaidheal, an Ard Sgoil Ghlasacho. robh ùigh do dh’ fhoghlum rachadh aca am bitheantas air fhaotainn ’s an àm sin. Cha robh sgìreachd an Alba, aig nach robh aon sgoil co dhiu—sgoil na sgìreachd. Os ceann nan sgoilean sin bha daoine foghluimt air an cur, agus tha mi a smuaineachadh nach gabh e cur as an leth gur a th’ ann air son buanachd shalaich a bha iad ag iarraidh an dreuchd. Cha ’n fhaca mise agus tha mi’ creidsinn nach faca sibhse riamh fear dhiubh a rinn beartas anns a cheaird sin, ged bu mhor na tàlantan agus bu lionmhor na buadhan inntinn a bha aig iomadach fear dhiubh. Agus tha mi am beachd cuideachd gu ’m faodadh Iompaireachd Bhreatunn rud bu mhiosa a dheanamh air an latha an diugh na luacha-peighinn a thoirt do na bheagan a tha a làthair do ’n t-seann luchd-ionnsachaidh sin air son na comain a chuir iad air Alba, oir a thaobh an fheadhainn a dh’ fhalbh dhiubh fhuair iadsan an duais mar tha—duais nan seirbhiseach dìleas, tha mi am beachd. Rachadh Domhnull agus iomadach gille eile agus nighean cuideachd do ’n sgoil (anns an àm a bha ’n sin) direach ’nuair a fhreagradh e dhaibh fhéin. Cha robh e mar fhiachaibh orra a dhol innte mar a toilicheadh iad féin, agus rud eile dheth, gle thric ’nuair a bhiodh iad a’ dol do ’n sgoil, cha rachadh foghlum a choiteach orra, ged a bha ’m pailteas ann dheth ’s ri sheachnadh. Chaidh Domhnull do ’n sgoil nuair a bha e na chnapanach gille. Chord a chùis ris a cheud latha (co dhiu toiseach an latha) gu fior mhaith, ach air tighinn do’n fheasgar bha mo laochan a gabhail fadachd, agus mu dheireadh dh’ eubh e a mach àirde a chlaiginn—“Nach ’eil sinn a dol a dh’ fhaotainn a mach á so an diugh idir?” Bha on seorsa so do dhol-a-mach an aghaidh riaghailtean na sgoile. Cha chualas riamh a leithid. “Co am beadagan a thuirt sid?” dh’ fheoraich am Maighsteir. Bha e furasda gu leor fhaicinn co a thuirt na briathran, oir dh’ fhàs aodann Dhomhnuill cho dearg ri slige giomaich bhruich. “A bhrònain bhochd,” ars’ am Maighstir, “cha ’n ’eil moran céille agad fhathasd, agus feumar mar sin beagan de do leisgeul a ghabhail; ach feuch nach dean thu leithid a rithist”—’us e a toirt tarruing air té do chluasan Dhomhnuill. Faodaidh mi innse anns an dol seachad, gu ’n do chuir e mor iongantas air a ghille bhochd nach robh poit no coire no inneal còcaireachd sam bith eile ri fhaicinn anns an tigh sgoil ’s nach robh dòigh mar sin air biadh a dheasachadh ann! ’S e leth sheann duine a bh’ anns a Mhaighstir-sgoile—duineachan sìobhalta, ciùin, mar bu bhitheanta, ach corra uair bhualadh sradag air, nuair a rachadh an sgoil gu mi-riaghailt, mar a rinn i latha sonruichte bha sin, agus dh’ fhalbh e ’mach agus thug e ’stigh slat mhor do sheileach Frangach, agus thug e an cuibhleadh ud air na baobhan a bha ri aimlisg. “A chlannaibh an uilc,” thubhairt esan, “mar a gabh sibh teagasg gabhaidh sibh so”—air chor ’s mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Eiridh tonn mor air uisge balbh” uair no uaireigin. Bhiodh am maighstir ’na shuidhe ann an seorsa cùbaid, ’s ma bha ceisd nach b’ urrainn dhuibh fhuasgladh rachadh sibh suas leatha far an robh e. Cha bhiodh esan fada a dol roimhpe. Dh’ fhaoite nach tigeadh facal as a cheann. Ma bha sibh fhein geur-inntinneach theagamh gu ’n amaiseadh sibh air a deanamh sibh fhein ’na dheigh-san, ach mur a h-amaiseadh dheanadh esan dhuibh i uair ’us uair, na ’n togradh sibh fhein; ach thachradh e gu maith tric gu ’n tugadh fear dheth na sgoilearan a b’ fhearr a bha stigh an dara taobh sibh air son nach cuireadh sibh tuilleadh ’sa chòir do dhragh air a Mhaighstir, agus gu’m mìnicheadh esan dhuibh i gus an tuigeadh sibh ceart i, seadh, nan gabhadh i idir sparradh na ’r ceann! Bhiodh a h-uile fear de ’n t-seorsa so na fhear-cuidichidh aig a Mhaighstir, agus gheibheadh iad fhein brod na sgoile air son an saothair—Laidionn no Greugais, no àrd sgoileireachd eile mar sin a bhiodh a dhìth orra. Bha càch—an fheadhainn aig nach robh suim do dh’ ionnsachadh—a faotainn dìreach an seorsa foghluim a bha freagarrach air an son. Bhiodh fear dhiubh ag eubhach a mach cho trang ’sa b’ urrainn dha facail mhora nach robh e a tuigsinn ’san “Spelling-Book mhor,” agus fear eile ga ’r bodharadh a deanamh ablachais leughaidh as an leabhar ris an abradh iad “Reading made easy,” mar a theireadh na cailleachan ris! Bhiodh Domhnull Beag fhein thall ann an cùil agus smùid aig air seorsa do chunntas ris an abradh e fhéin “From, take,” no “subtraction,” mar a theirear ris anns a Bheurla. “Gu dé,” theireadh am Maighstir, “am feum a th’ aig a ghille-mhaol aig Donnachadh air Laidionn no air Greugais ionnsachadh? Nach toir e a stigh tarruing no iochdar na lìn sgadain a cheart cho math ’s ged nach biodh cànan air an t-saoghal ach Gàidhlig? No an slimeir gille ud aig Calum. Nach oibrich e le spaid ’s le piocaid, ’s nach treabh e cheart cho dìreach ’s cho cunnbhalach ’s ged nach biodh leabhar cunntais no slat-thomhais air uachdar an t-saoghail?” Agus co their gu ’n robh an duine còir am mearachd? Mar ’s maith ’tha fhios agaibhse chaidh riaghailtean sgoile a dheanamh aireamh bhliadhnaichean roimhe so, a bha na ’m bristeadh-cridhe do Mhaighstirean neo-iochdmhor, fo ’n robhas a sparadh foghluim air cuid do dh’ òigridh “an aghaidh a chuilg,” a bha a toirt uapa cadal na h-oidhche, càil a bhidh, agus sìth na h-inntinn. Bhatar ag ràdh nach robh teaghlach aig an fhear a rinn na riaghailtean gun toinisg a bha sin, agus, air an aobhar sin, nach robh e tuigsinn nàdur chloinne, no an t-eadar-dhealachadh buaidhean inntinn a bha eadar cuid do phàisdein agus cuid eile. Ach coma co dhiu tha òrduighean ùra air tighinn a mach a nise a tha air an steidheachadh air tuigse nàduir, agus a tha, cuid aca, gu maith coltach ris na riaghailtean a bha cumanta ri linn do ’ur caraid, Domhnull Beag, a bhi ’s an sgoil. ’S e sin ri ràdh, a chlann (gu h-àraidh na gillean) aig an robh àrd-bhuadhan inntinn, agus an toil gu buil mhaith a dheanamh dhiubh, gheibheadh iadsan làn am boicinn do sgoil de dh’ iomadach seorsa, ach òinsichean agus buamasdairean dh’ fhaodadh iadsan an “seachd-rathaidein-fichead” a ghabhail air son cuid sgoile dheth! (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. IX. AN uair a thainig latha na h-urnuigh agus an trasgaidh, chaidh sluagh a’ bhaile gu leir am mach do ’n chomhnard a dh’ fhaicinn an taigh-chuimhne agus na seirbhis sholaimte a bha gu bhith air a cumail. Dh’ fhalbh an righ, an t-ard-chomhairleach, agus ard-mhaithean na cuirte air thoiseach thun an taigh-chuimhne, agus an uair a rainig iad e, chaidh iad a steach, agus shuidh iad air lar-bhrat de shioda dubh. An sin thainig aireamh mhor de mharc-shluagh air an socair fhein a dh’ ionnsuidh an taigh-chuimhne. Bha coltas a’ bhroin air an gnuis; bha iad ag amharc air an lar, agus cha robh facal a’ tighinn as an cinn. Chaidh iad da uair timchioll an taighe; ach air an treas uair stad iad mu choinneamh an doruis, agus labhair iad uile na briathran so le guth ard: “O phrionnsa! a mhic [TD 59] [Vol. 10. No. 8. p. 3] an righ, nam b’ urrainn duinne le ar treuntas agus le neart a’ chlaidheimh do bheatha ’thoirt air ais, dheanamaid e; ach thug Righ nan righrean seachad an t-ordugh, agus thug teachdair’ a’ bhais umhlachd dha.” An uair a labhair iad na briathran so, tharruinn iad air an ais, a chum gu’n tigeadh feadhainn eile dluth ’nan aite. An sin thainig coig fichead seann duine air an robh feusag fhada, liath, agus iad a’ marcachd air miuleidean dubha, dluth do ’n taigh-chuimhne. B’ iad so na manaich a bha do ghnath a’ gabhail comhnuidh anns na h-uamhaibh. Cha ’n fhacas riamh iad a’ tighinn am fianuis dhaoine ach an uair a bhiodh bron-adhlacaidh ann an teaghlach righ Harrain. Bha leabhar air ceann, gach fir dhiubh, agus bha e ’g a chumail ann le ’leith laimh. Chaidh iad so gu leir tri uairean timchioll an taigh-chuimhne gun aon fhacal a radh; agus an sin stad iad mu choinneamh an doruis, agus thuirt fear dhiubh: “O phrionnsa! ciod is urrainn duinn a deanamh air do shon? Nam b’ urrainn sinn do thoirt beo a rithisd le urnuigh, no le foghlum, dheanamaid urnuighean aig do chasan le ar n-aghaidhean air an lar; ach thug Righ a’ chruinne-che air falbh thu gu siorruidh.” A uair a labhradh na briathran so, tharruinn na seann daoine astar beag air falbh, agus anns a’ mhionaid thainig leth-cheud maighdean og dluth. Bha gach te dhiubh a’ marcachd air each beag geal. Cha robh srol air an aghaidh idir, agus bha bascaidean oir aca, lan de na h-uile seorsa chlachan luachmhor. Chaidh iad tri uairean timchioll an taighe mar a rinn cach; agus an uair a stad iad mu choinneamh an doruis, labhair an te a b’ oige dhiubh ann an ainm chaich mar a leanas: “O phrionnsa! a bha aon uair cho maiseach, ciod am fuasgladh ris am bheil duil agad fhaotainn uainne? Nam biodh e comasach dhuinne le ar maise do thoirt beo, bhiomaid ’n ar searbhantan agad. Ach a nis cha ’n ’eil mothachadh agad gu ’m bheil sinn maiseach, agus mar sin, cha ’n ’eil feum sam bith agad oirnn tuilleadh.” An uair a dh’ fhalbh na maighdeannan oga o’n dorus, dh’ eirich an righ agus maithean na cuirte ’nan seasamh, agus an uair a choisich iad tri uairean mu ’n cuairt air iomhaidh Chodadad, labhair an righ mar a leanas: “O mo mhac gradhach, solus mo shul, chaill mi thu gu brath!” Bha e ’sileadh nan deur gu frasach, agus ag osnaich gu trom an uair a bha e ’labhairt nam briathran so; agus bha maithean na cuirte a’ sileadh nan deur mar an ceudna. An sin dhruideadh dorus an taigh-chuimhne, agus thill an sluagh air ais do ’n bhaile. Air an ath latha bha urnuighean folloiseach air an cur suas anns gach eaglais, agus leanadh air cur suas nan urnuighean so fad ochd latha. Air an naoidheamh latha runaich an righ gu ’n cuirteadh a chuid mac gu bas. Bha ’n sluagh uile gabhail fadachd gus an cuirteadh gu bas iad, oir bha iad ann an corruich mhoir air son mar a rinneadh air Codadad. Ged a bha gach ni deiseil air son an cur gu bas, leigeadh am beatha leotha car uine do bhrigh gu ’n d’ thainig sgeula cabhagach thun an righ gu’n rohh na righrean ris an robh e uine roimhe sid a’ cogadh a’ tighinn le armailt ro mhor a chogadh ’na aghaidh, agus gu’n robh iad gu math dluth air a’ bhaile. Ged a bha fhios aig uine mhath roimhe sid gu’n robh iad ag ullachadh air son cogaidh, cha do chuir e suim sam bith ann. Ach an uair a thainig an naigheachd cabhagach so do’n baile, thuit eagal anabarrach mor air an sluagh, gu sonraichte a cionn nach robh Codadad beo; oir chomharraich e e-fhein mar shaighdear ro ghlic treun anns na cogaidhean a bh’ ann roimhe sid. “Ochan!” ars’ iadsan, “’nan robh Codadad treun beo, bu bheag eagail a ruigeamaid a leas a bhith oirnn roimh na righrean so a tha ’tighinn a chogadh ’nar n-aghaidh.” Cha robh eagal sam bith air an righ roimh ’n armailt mhoir a bha tighinn a chogadh ’na aghaidh, agus gun dail sam bith fhuair e armailt mhor deiseil. Bha e ’na dhuine treun, agus an aite feitheamh gus an tigeadh a naimhdean ro dhluth air a’ bhaile, chaidh e ’mach ’nan coinneamh. Fhuair iadsan am mach o na daoine a chuir iad a ghabhail fabhuir gu ’n robh righ Harrain a’ dol am mach ’nan coinneamh, agus chur iad iad-fhein ann an ordugh catha air a’ chomhnard. An uair a thainig righ Harrain le chuid armailt dluth gu leor do ’n namhaid, chuir e iad ann an ordugh cath mar a ceudna. Agus an uair a thug e an t-ordan dhaibh, thug iad ionnsuidh gharg air an namhaid. Ach bha ’n namhaid a’ cur nan aghaidh gu laidir. Dhoirteadh moran fala air an da thaobh, agus cha robh fhios an toiseach co ’n taobh a gheibheadh a’ bhuaidh. Ach mu dheireadh bha chuis coltach gu ’m b’ ann aig naimhdean righ Harrain a bhiodh a’ bhuaidh, o ’n a bha iad moran na bu lionmhoire. Agus an uair a bha iad air thuar righ Harrain agus a chuid daoine a chuartachadh, chunnacas aireamh mhor de mharc-shluagh air a’ chomhnard, agus iad a’ dluthachadh gu luath ris an da armailt ann an deadh ordugh. Ghabh iad an t-eagal taobh air thaobh an uair a chunnaic iad am marc-sluagh a’ tighinn dluth dhaibh; oir cha robh fhios aca co ’n taobh air an robh iad gus a bhith. Ann an uine ghoirid bha e soilleir gu leor dhaibh co ’n taobh air an robh am marc-sluagh gus a bhith; oir chaidh iad gu garg ann an dail naimhdean righ Harrain, agus ann an uine ghoirid chuir iad an teicheadh orra. Agus cha do stad iad aige so; ach lean iad an ruaig gus an do chuir iad gu bas an aireamh bu mho dhiubh. (Ri leantuinn.) A’ Ghobhar Ghlas. SEANN SGEULACHD DO ’N CHLOINN. CHUALA mise mar a sid a bh’ ann, a’ ghobhar ghlas. Agus mar a bha ’ghobhar ghlas ann, bha i ’dol lath’ àraidh do’n tràigh a bhuain mhaoraich. Dh’ fhág i na tri minneanan meanbh-ghlas, am boca tarra-ghlas, agus an gille-buic a staigh. Agus thuirt i riutha gun an dorus fhosgladh air na chunnaic iad riamh do chreutair sam bith gus an tilleadh i fhein dhachaidh. “Agus,” ars’ ise, “an uair a thig mise dhachaidh, aithnichidh sibh gur mi a bhios ann an uair a chuireas mi mo chas a staigh fo bhonn na comhladh, oir bidh snàithle dearg agus snàithle gorm m’ am chois.” Cha robh a’ ghobhar ghlas fad air falbh o’n taigh an uair a thainig an cat thun an doruis, agus thuirt e, “Fosgail so, fosgail so, mise do mhàthair, mise do mhàthair, mise do mhàthair.” “Cuir do spògag bheag a staigh fo bhonn na comhladh, agus aithnichidh mise ma’s tu mo mhàthair,” ars’ an gille-buic. Chuir an cat a spogag bheag a stigh fo bhonn na comhladh agus thuirt an gille-buic, “Cha tu, cha tu mo mhàthair; tha snàithle dearg is snàithle gorm mu spògaig bhig mo mhàthair-sa.” An uair a chual’ an cat so, dh’ fhalbh e. An ceann greise, cò thigeadh thun an doruis ach an cù, agus thuirt e, “Fosgail so, fosgail so, mise do mhàthair, mise do mhàthair, mise do mhàthair.” “Cuir do spògag bheag a stigh fo bhonn na comhladh, agus aithnichidh mise ma ’s tu mo mhàthair,” ars’ an gille-buic. An uair a chuir an cù a spòg a stigh fo bhonn na comhladh, thuirt an gille-buic, “Cha tu, cha tu mo mhàthair; tha snàithle dearg is snàithle gorm mu spogaig bhig mo mhàthair-sa.” An uair a chual’ an cù so, dh’ fhalbh e. Ach cha robh an cù fad air falbh an uair a thainig am madadh ruadh thun an doruis, agus thuirt e, “Fosgail so, fosgail so, mise do mhàthair, mise do mhàthair.” “Cuir do spògag bheag a staigh fo bhonn na comhladh, agus aithnichidh mise ma’s tu mo mhàthair,” ars’ an gille-buic. An uair a chuir am madadh-ruadh a spòg a staigh fo bhonn na comhladh, thuirt an gille-buic, “Cha tu, cha tu mo mhàthair; tha snàithle dearg is snàithle gorm mu spògaig bhig mo mhàthair-sa.” An uair a chuir am madadh-ruadh so, ghrad dh’ fhalbh e cho luath ’s a bha ’na chnàmhan, agus cha do stad e gus an do rainig e taigh na baineich. Ghrad thòisich e ri cladhach anns an dùnan, agus cha do stad e gus an d’fhuair e snàithle dearg is snàithle gorm. Cheangail e m’a spòig iad, agus thill e gu taigh na gaibhre, agus thuirt e “Fosgail so, fosgail so, mise do mhàthair, mise do mhàthair.” “Cuir do spògag bheag a staigh fo bhonn na comhladh, agus aithnichidh mise ma’s tu mo mhàthair,” ars’ an gille-buic. An uair a chur am madadh-ruadh a spòg a stigh fo bhonn na comhladh, agus a chunnaic an gille-buic an snàithle dearg ’s an snàithle gorm oirre, thuirt e, “Is tu, is tu mo mhathair;” agus dh’ fhosgail e an dorus dha. Cha bu luaithe a fhuair am madadh-ruadh a steach na chaidh e sàs anns na minn, agus thug e leis a’ chuid nach do dh’ ith e dhiubh. An uair a thainig a’ ghobhar ghlas dhachaidh as an tràigh, cha robh roimpe ach taigh lom, fàs. Chaidh i gu tuiream ’s gu tùirse anns a’ mhionaid. Gun dàil sam bith dh’ fhalbh i feuch am faigheadh i forofhais air na minn. Rainig i taigh a’ chait, agus ghabh i direach suas gu mullach an taighe, mar bu ghnàth le a seòrsa ’dheanamh. “Cò sid air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich chràsgaich, chrùsgaich chràsgaich; nach leig bruich le mo bhonnachan, no goil le mo choireachan, ’s nach leig le mo ghille beag balg-fhionnach balagum dhe ’n uisge thoirt dachaidh?” ars’ an cat. “Tha mis’ an so, a’ ghobhar ghlas air a toirt as, ag iarraidh nan tri minneanan meanbh-ghlas, am boca tara-ghlas, ’s an gille-buic.” “Air an talamh a tha fodhad, ’s air an adhar a th’ as do chionn, cha ’n fhaca mise riamh do chuid meann,” ars’ an cat. Dh’ fhalbh i gu taigh a’ choin, agus mar bu ghnàth le a siol-mhuiuntir, ghabh i direach suas gu mullach an tighe. “Cò sid air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich chràsgach, chrùsgaich chràsgaich; nach leig bruich do mo bhonnachan, no goil do mo choireachan, ’s nach leig le mo ghille beag, balg-fhionnach balagum dhe ’n uisg’ thoirt dachaidh?” ars’an cù. “Tha mis’ an so a’ ghobhar ghlas air a toirt as, ag iarraidh nan tri minneanan meanbh-ghlas, am boca tara-ghlas, ’s an gille-buic.” “Air an talamh a tha fodhad, ’s air an adhar a th’ as do chionn cha ’n fhaca mise riamh do chuid meann,” ars’ an cu. Dh’ fhalbh i gu taigh a mhadaidh-ruaidh, agus mar bu ghnàth le a siol-mhuinntir, ghabh e direach suas gu mullach an taighe. “Co sid air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich chràsgaich, chrùsgaich chràsgaich; nach leig bruich le mo bhonnachan, no goil le mo choireachan, no le mo ghille beag balg-fhionnach balagum dhe’n uisg’ thoirt dachaidh?” ars’ am madadh-ruadh. “Tha mis’ an so, a’ ghobhar-ghlas air a toirt as, ag iarraidh nan tri minneanan meanbh-ghlas, am boca tara-ghlas, ’s an gille-buic.” “Air an talamh a tha fodhad, ’s air an adhar a th’ as do chionn, cha’n fhaca mise riamh do chuid meann. Ach trobhad a steach a ghaladhad, ’s gu’m faigheadh tu balagum teith. Tha mi cinnteach gu bheil thu sgith agus acrach an déigh gach uidil is allabain a dh’ fhuiling thu ag iarraidh do chuid meann,” ars’ am madadh-ruadh. Mar bha am mi-fhortan an dan do’n ghobhair ghlais, chaidh i steach do thaigh a’ mhadaidh-ruaidh, agus an uair a fhuair e ’staigh i, mharbh e i mar a rinn e air na minn. IAIN. [TD 60] [Vol. 10. No. 8. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OGUST 23, 1901. Aireamh Sluaigh Chanada. Tha àireamh an t-sluaigh, a reir a chùnntais a rinneadh air an earrach s’a chaidh, a nise air a dheanamh follaiseach. Tha ann an Canada air fad 5,338,883, eadar shean us òg, 505,644 a bharrachd air na bh’ anns an dùthaich anns a bhliadhna 1891. Anns a chlàr a leanas chithear an àireamh a tha anns gach roinn fa-leth, agus mar an ceudna an àireamh a bh’ annta anns a bhliadhna 1891. [Clàr] Mheudaich an sluagh ann an Columbia Bhreatunnach 91,827; ann am Manitoba, 83,858; ann an New Brunswick, 9,830; ann an Nobha Scotia, 8,720; ann an Ontario, 53,657; ann an Cuebec, 132,439; anns na “Territories,” 78,201; agus anns na cearnan iomallach anns nach eil riaghladh steidhichte, 42,832. Chaill Eilean a Phrionnsa anns na deich bliadhna 5820. A thaobh nam bailtean a’s motha th’ anns an dùthaich,’s e fàs, mor no beag, a rinn iad uile ach aon fhear, Kingston, an Ontario, a chaill mu dha cheud deug. Chithear an tomhas fàis a thainig air càch anns a chlàr a leanas:— [Clàr] Ann an siorrachdan Nobha Scotia agus Eilean a’ Phrionnsa tha àireamh an t-sluaigh mar a leanas:— [Clàr] Chaidh dluth air seachd mìle gu leth ri àireamh sluagh Shidni ré nan deich bliadhna, agus beagan a bharrachd air ceithir mìle deug ri àireamh sluaigh na siorrachd. Mur bitheadh am fàs so air siorrachd Cheap Breatunn, bhiodh àireamh sluaigh Nobha Scotia na bu lugha na bha i ann an 1891, oir ann an deich de na siorrachdan tha àireamh an t-sluaigh na ’s lugha na bha i anns a bhliadhna sin. Leis a chùnntas ùr air so air an t-sluagh, caillidh na Roinnean Iochdrach ceithir de na h-àiteachan-suidhe a tha aca anns an àrd-phàrlamaid, agus caillidh Ontario a coig. Buanaichidh Manitoba tri no ceithir, na “Territories” a dha, agus Columbia Bhreatunnach a h-aon. Bidh an aon àireamh aig Cuebec, agus mar sin cha bhi suidhe ann an Tigh nan Cumantach ach 210 no 211 an àite 213, an àireamh a bh’ ann ré nan deich bliadhna chaidh seachad. Tha sinn cleachdte ann an Canada o chionn iomadh bliadhna, ri bhi cluinntinn gearan air na daoine buidhe bhi milleadh na h-obrach air na daoine geala, ’sa deanamh doirbh dhaibh am beòlaind a chosnadh. Gu h-àraid an ceann an iar na dùthcha tha ’n glaodh sin ri chluinntinn gu tric, agus chaidh an t-àrd-riaghladh cho fada ’s gu ’n do chuireadh cìs chusbuinn air na Sineich a tha tigh’n thar a Chuain Chiùin a dh’ iarraidh cosnaidh. Ach tha nise glaodh ùr ri chluinntinn, cha ’n ann an Canada a mhàin, ach ann am Breatunn, agus mar an ceudna anns na Stàidean—’s e sin glaodh nam fear an aghaidh nam ban. Ann am Breatunn tha nigheanan agus mnathan an latha ’n diugh a’ cur an lamhan ri iomadh seors’ obrach a bha riamh roimhe so air fhàgail aig na fir, agus o’n theid aca air deanamh le tuarasdal na’s lugha, gheibh iad gach obair ris an teid iad a roghainn air na fir. Tha cuid de na paipearan Sasunnach ag agairt gu ’m bu chòir do riaghladh na dùthcha àireamh mhor de na mnathan a tha chòrr aca thall an sin a chuideachadh gu tigh’nn a mach do Chanada, a chum ’s nach biodh iad a’ cumail an arain làitheil o na fir. Ach shaoileamaid gu ’m b’ fhearr a chùis uiread us uiread de na fir ’s de na mnathan a chur a nall. Dheanadh sin àite agus obair na b’ fhurasd’ fhaotainn do na rachadh fhàgail thall, agus aig an àm cheudna bhiodh Canada a’ faighinn theaghlaichean dhe ’n dearbh sheorsa sluaigh a tha dhith oirre. REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A. W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 61] [Vol. 10. No. 8. p. 5] Naigheachdan. Ged a tha ainm mor de Shidni, cha ’n ’eil baile Ghlace Bay fada air deireadh air. Tha moran obrach a’ dol air adhart ann timchioll nam mèinnean. Faodar so a thuigsinn nuair a dh’ innsear gu robh, Di-sathairne s’a chaidh, còrr us ceud mìle dolair air a phàigheadh a mach le cuideachd a’ ghuail—tuarasdail da sheachdain—do’n luchd-obrach. Chaidh an soitheach-smùide “Halifax” air sgeir an acarsaid Bhoston toiseach na seachdain s’a chaidh, agus rinneadh milleadh mor oirre. Cosgaidh a càradh air a’ chuid a’s lugha deich mile fichead dolair, agus bidh treis mhath a dh’ ùine mu ’n urrainnear a cur air obair a rithist. Gus a sin bidh a h-áite air a ghabhail leis an “Yarmouth,” agus cha bhi bàta ruith idir eadar so us Boston. Bha pic-nic mhor aig Whitney Pier air an t-seachdain so, air son airgead a dheanamh gus cuideachadh leis an eaglais ùr Chaitliceach a thatar a togail anns a chearna sin de ’n bhaile. Mhair a phic-nic tri latha—Di-màirt, Di-ciaduin ’s Dior-daoin, agus chruinnich sluagh mor g’a h-ionnsuidh. Di-màirt bha còrr us da mhile air an làraich. Cha’n eil teagamh nach robh suim mhor airgeid air a chur cruinn. Chaidh deuchainn a chur air da shoitheach-cogaidh a chaidh a chriochnachadh anns an Fhraing o chionn ghoirid, agus fhuaireadh a mach nach deanadh na h-innealan-smùide a bh’ annta feum idir. Bhatar ag obair air an da shoitheach sin o chionn shia bliadhna, agus chosg iad dlùth air da fhichead millein franc, no mu $6,250,000 ’san airgead againne. Tha a nis innealan ùra ri bhi air an cur annta, ach thatar am mi-mhisnich mhoir mu ’n timchioll, gun fhios an dean innealan ura feum no nach dean. Tha fiosan á Manitoba ag innse gu bheil e air fairtleachadh air moran de na buanaichean a chaidh a mach o chionn ghoirid obair fhaotainn. Tha na ceudan dhiubh ann am baile Winnipeg ’s am bailtean eile ag iarraidh tilleadh dhachaidh, ach cha toir an C. P. R. faradh dhaibh gus an obraich iad mios air a bhuain. B’i ar barail féin, agus barail moran eile, gu ’n robh cuireadh tuilleadh us fialaidh air a thoirt do mhuinntir a dhol a mach dh’ ionnsuibh na buana, agus nach biodh obair ri fhaotainn do roinn mhor dhe na rachadh ann. Tha e ro-choltach gu robh a’ bharail sin ceart, agus nach b’e buain a chrithneachd an ni bu mho a bh’ aig cuideachd an rathaid iaruinn ’san amharc idir. Tha aimhreit air eiridh eadar an Fhraing ’s an Tuirc, agus an la roimhe ghairm an Fhraing a fear-ionaid á Constantinople. ’S e dh’ aobharaich an aimhreit an Sultan a bhristeadh geallaidh a thug e do fhear-ionaid na Frainge a thaobh còmhstri a bha eadar an da dhùthaich. Bha e ’na chleachdadh riamh aig an t-Sultan a bhi ’bristeadh a gheallaidhean, agus cha robh e a reir coltais air son an cleachdadh sin a leigeil seachad air sgàth na Frainge. Tha àireamh de shoithichean-cogaidh Frangach a nis air an turus do ’n Tuirc, ach cha ’n eil dùil eadhon aig na Frangaich fhein ri cogadh. Cha ’n ’eil teagamh nach geall an Sultan a gheallabh a choilionadh, an uair a chi e cho dian ’sa tha corruich na Frainge. Cha ’n ’eil feum sam bith teannadh ri comhairle a thoirt air duine anns nach ’eil reusan. Cha’n ’eil iad ann an staid inntinn anns an tuig iad reusonachadh. Chaidh trein air an robh àireamh mhor de bhuanaichean a dol do ’n Iar Thuath a bhristeadh ann am Manitoba Dior-daoin s’a chaidh. Chaidh aireamh de’n luchd-turuis a ghoirteachadh, cuid diubh gu dona, agus bha dithis air am marbhadh. Bhuineadh fear dhiubh sin, Domhull Mac Citheagain do Ghlace Bay. Bha fear eile mhuinntir Cheap Breatunn, Martin Almon, air a dhroch leonadh. Nuair a bhios an obair-iaruinn air a criochnachadh bidh obair innte do choig ceud fichead duine. Thatar a faotainn deagh reic do’n iarunn a thatar a tionndadh a mach, agus tha e toirt deagh riarachadh dhaibh-san a tha ’ga cheannach. Chaidh aireamh mhiltean tunna dheth a chur a null do Bhreatuinn cheana, agus bidh tuilleadh air a chur a null an uine ghearr. Ma thionndaidheas an t-iarunn a mach gu math bidh soirbheachadh na h-obrach air a deanamh cinnteach. Tha aireamh de luchd nam paipearan naigheachd á Ontario ’s á Cuebec aig an àm so air cuairt shamhraidh anns na Roinnean Iochdrach. Bha iad ann an Ceap Breatunn toiseach na seachdain so. An deigh a dhol troimh Lochan a Bhras d’Oir rainig iad Sidni oidhche Di-màirt. Ghabh iad sealladh air an obair-iaruinn maduinn Di-ciaduin, agus an deigh mheadhon-latha chaidh iad gu Louisburg, a tilleadh feasgar. Dh’ fhalbh iad á Sidni tràth ’sa mhaduinn Dior-daoin. Bha iad ann còrr us ceud uile gu leir, eadar fhear us mhnathan. Bha iad gle riaraichte le ’n cuairt anns na Roinnean Iochdrach agus gu h-àraid leis na chunnaic iad de Cheap Breatunn. Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Murchadh Mac Gill-fhinnein, a mhuinntir na Mèinne Tuatha, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air New Glasgow toiseaach na seachdain so. Tha e coltach gu ’n do thuit e fo charbad a chaidh seachad re na h-oidhche, ’s e feuchainn ri dhol air bòrd. Fhuaireadh a chorp ’sa mhaduinn, ’s e air a reubadh gu dona. Cha robh an duine mi-fhortanach ach fichead bliadhna dh’ aois, agus bha e gus o chionn ghoirid ag obair aig te dhe na mèinnean faisg air Glace Bay. ’S ann a dh’ iarraidh cosnaidh a chaidh e do New Glasgow. Tha a mhàthair, a tha ’na bantraich, a còmhnuidh aig a’ Mhèinn a Tuath, agus triùir bhràithrean us dithis pheathraichean dha air am fàgail air a cùram. Tha iadsan a bha cur àireamh mhor sluaigh mu choinneamh na dùthcha ’s nam bailtean air am mealladh. Bha dùil gu ’m biodh eadar da mhile dheug us coig mile deug ann an Sidni, ach ’s ann a bha e beagan goirid air na deich mìle. Bha dùil ri seachd mìle ’s coig ceud ann an Sidni Tuath, ach cha robh ann ach 4,646. Ann an Glace Bay bha dùil ri naodh no deich mìle, ’s cha d’ fhuaireadh ann buileach seachd mìle. Agus ann an Louisburg, far an abradh cuid gun robh da cheud deug no eadhon da mhìle, cha d’ fhuair luchd na h-aireamh ach coig ceud ’s da fhichead ’s a dha (542). Ma bhios iadsan a bha dol cho fada so air seacharan na ’m barail beò an ceann dheich bliadhn’ eile, cha ’n eil teagamh nach dean iad tuairmeas na ’s fhearr. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. [TD 62] [Vol. 10. No. 8. p. 6] Litir as an Amhuinn Mheadhonaich. CHA chreid mi nach ’eil daoine gle fhad air ais ann a bhi sgriobhadh gu MAC-TALLA. ’S e cheud rud air son an toir mi sùil ’nuair thig am paipeir, am bi litir ann bho charaid air choireigin, agus mur a bi cha bhi mi idir toilichte. Bheir mi sin sùil am bi òran gasda ann. “Ged tha mo cheann air liathadh ’s mo chiabhagan air tanachadh” ni mi sùrd mor ri seann òran gasda a bhiodh againn an tùs ar làithean, nuair a bhiodh comunn againn cruinn agus gu leor do Mhac-an-Tòisich ga chur ma chuairt air a chéile, agus ’s e sin a chuireadh am blas air na h-òrain. Tha sinn glé thoilichte bhi faighinn seann sgeulachdan an drasd agus a rithist. Bha sgeulachd an t-saighdear buileach math. Cha chreid mi ma bha ’abharsaic cruaidh nuair a bha ’n saighdear ’ga giulan, nach ’eil i gu math cruaidh a nis, ma tha i aig an fhear a thug suas dha ’n iarmailt i gus a so. Cha bhiodh toil agam a dhol ’ga bualadh le sùisd tuilleadh. Tha sinn gle thoilichte gun d’fhuair thu greim air feadhainn dhe ’n “Chuairtear Ghàidhealach” a bha tighinn a mach bho cheann leth-cheud bliadhna. Tha cuimhn’ agam air a bhi ’ga leughadh. Bheir mi seachad stòiri bheag a chunnaic mi ann am fear dhiubh, air seann bhodach a bha thall ’s an t-seann dùthaich. Bha e trom air an uisge-bheatha. ’Se Domhull an stòp a bha aca mar ainm air. Cha chreid mi nach canadh iad stòp ri tomhas air choireigin dhe ’n uisge-bheatha. Coma co dhiu dh’ fhàs Domhull tinn, agus chuir iad a dh’ iarraidh dotair. Nuair a thainig an dotair dh’ iarr e air a bhi gabhail unnsa (ounce) ’san latha de dh’ uisge-beatha. Nuair a dh’ fhalbh an dotair dh’ fheoraich Domhull dha ’mhac, a bha dol dha ’n sgoil, gu de uiread ’s a bh’ ann an unnsa de dh’ uisge-beatha. Cha robh fhios aig a ghille. “Gu dé math dhomhsa ’bhi ga ’d chur dha ’n sgoil mur do dh’ ionnsuich thu uiread sid fhathast. Fhuair an gille an leabhar cunntais, agus thug e sùil anns an table, agus chunnaic e ann an sin “16 drams one ounce.” “Ho, ho!” arsa Domhull an stòp, “tha mi na mo dhuine sona fhathast! Faidh a nall am pige ruadh agus falbh dha ’n bhùth ud thall, agus abair ris gallan dhe ’n stuth a’s fhearr a tha aige ’chur ugam.” Sud na bheil agam an diugh de stòiri Dhomhuill an stòp. Tha Mac Uisdein a deanamh don’ oirnn nach ’eil e cuir a nall na puirt-a-beul ugainn. Gu dé thainig ri Murchadh Cam [?]h ’eil sinn a faighinn litir uaithe. ’S ann a bhios sinn a cumha gu ’n do chaill e an t-sùil eile, mur a cluinn [?]n uaithe an ùine nach bi fada. Fhuair mi ’mach duine aig a bheil òran an eich dealanaich, le Donnacha Fionnlasdan, agus cuiridh mi ugad e uair air choireigin. Bha sìde mhath feòir againn gus o chionn seachdain. Tha ’m feur fada air ais an àiteachan tioram. Tha cuid do thalamh ard cho math ’sa bha e ’n uiridh. Mo bheannachd aig Bodachan a’ Ghàraidh. Cha chan mi ’n corr an dràsd. MICHEAL. Dughlas. Ann am blar Otterburn, ’sa bhliadhna 1388, bha’n t-Iarla Dughlasach air a leonadh, agus ’nuair a fhuaireadh ’na shineadh e chaidh fheorach dheth ciamar a bha dol dha. “Taing do Dhia,” ars esan, “tha mi faotainn a bhais mar a fhuair a chuid bu mhò dhe m’ athraichean, cha’n ann air mo leabaidh, ach air an àrfhaich. Tha tri nithean a tha mi ’g àithne dhùibh a dheanamh—diolaibh mo bhas, oir cha’n eil dòchas sam bith agam gu ’m bi mi beo; togaibh suas mo bhratach, oir tha ’m flath a bha ’ga giùlan air tuiteam; agus leanaibh air éigheach ‘Dùghlas! Dùghlas!’ a chum ’s nach bi fios aig caraid no idir aig nàmhaid gu’n do mharbhadh mi. Na ’n robh fhios agam gu’m biodh na nithean so air an deanamh, gheobhainn bàs gu toileach, oir chuala mi o chian fàisneachd a bha ’g radh gu ’n toireadh duine marbh a mach buaidh-làraich, agus tha mi ’g earbsa ri Dia gur-a mise ’n duine marbh sin.” Rinneadh mar a dh’ aithn e, agus thug an “duine marbh” buaidh, oir cha do chaill na h-Albannaich anns a’ bhlàr ach mu thri cheud duine, agus chaill na Sasunnaich ochd ceud deug. Bha iad Goirt. Bha madadh-ruadh ann roimhe, agus air dha a bhi ’falbh an fhasaich air latha tioram teth, dh’fhas e ro phaiteach ’s cha robh uisge no ni air bith eile ann a chaisgeadh iota. Mu dheireadh de chunnaic e ach craobh fhion-dhearcan. Bha na fion dhearcan ro bhriagha, na h-uile aon diubh abuich, agus iad cho lionmhor ’s gun robh iad a lubadh barraibh nam meangan. Ars’ an sionnach, “’S ann domh a rug an cat an cuilean; de na th’ ann an sin de fhion-dhearcan, gach aon diubh cho maiseach ’s cho lan; ’s iad a chaisgeas mo thart,” agus an so thug e leum suas ris a’ chraoibh an duil gu’m biodh lan a chraois aige tighinn air ais. Ach leibeidean, cha d’ fhuair am bainne;—cha ruigeadh e leth na slighe gus na fion-dhearcan. Leum e, ’s leum e, ach ged a bhitheadh e a’ leum fhathasd cha deanadh e turn. Mu dheireadh dh’ fhalbh e, agus, ars’ esan, “Tha mi coma dhe na fion-dhearcan,—tha iad goirt!” Anns a’ Ghearmailt ’nuair a gheobhair duine ciontach de bhi gabhail air a mhnaoi, leigear leis a dhol gu ’obair gach latha mar a b’ àbhaist da, ach ’s i ’bhean a gheobh an tuarasdal, agus théid esan a dhùnadh a stigh ’sa phriosan bho oidhche Di-satharna gu maduinn Di-luain. Leanar air a pheanaisteachadh mar sin fad dheich seachdainean. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Seall an so air son SANUS UR Air an ath Sheachdain. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 63] [Vol. 10. No. 8. p. 7] Balla Mor Shina. MA theirear gur h-iad Barrachaoil (pyramids) na h-Eipheit an t-ioghnadh a’s mhotha th’ air an t-saoghal, faodar a radh gur e Balla Mor Shina an darra h-ioghnadh. Tha iadsan a chunnaic e ag radh gur e aon obair cho iongantach ’sa rinn mac an duine riamh. Tha e toiseachadh aig a mhuir air an taobh an ear agus a leantuinn air taobh tuath us iar-thuath na dùthcha fad cheithir cheud deug (1400) mile. Tha e air a thogail ’sa chuid a’s mo de chloich, ’s de chloich-chreadha, agus tha tùir air a mhullach astar goirid o chéile. Bha e mar sin air dòigh ’s na’n cuirte dragh air freiceadan aon tùir gu’m b’ urrainn freiceadan an da thùir a b’ fhaisge tigh’n ’gan cuideachadh. Anns gach aite a bha furasda do namhaid a ruigheachd, bha daighneachdan làidir air an togail. Ann an àiteachan tha ’m balla dùbailte, agus ann an corra àite tri-filte, ach faisg air a cheann an iar dheth cha’n eil ann ach dùn mòr talamhainn. Tha e ann an cuid a dh’ àiteachan a’ direadh ’sa tearnadh chreagan us bheanntan àrda, agus tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a chaidh aca-san a bha ’ga thogail air an stuth a thoirt ann no a chur ri chéile, oir cha’n eil clachair no fear-togail anns an Roinn Eorpa an diugh a bheireadh ionnsuidh air eadhon tigh a chur suas ann an cuid de na h-àiteachan uamhsach anns am bheil am balla so na sheasamh gu daingeann o chionn còrr us da mhile bliadhna. Tha e air a thogail le balla tana cloiche air gach taobh dheth, agus eadar an da bhalla sin air a lionadh le talamh air dhòigh ’s gu ’n saoileadh duine gu ’m bu chlach air fad e. Tha a chuid iosal deth air a dheanamh de chlachan mòra, agus mu shia troighean o’n làr tha a chlach-chreadha ’toiseachadh agus a leantuinn dh’ ionnsuidh a mhullaich. Tha ’m mullach air a chomhdach le leacan tana mar air cabhsair sraide. Tha na tuir uile mu dha fhichead troigh a dh’ airde, agus tha ’m balla ri ghabhail thar a chéile mu fhichead troigh o làr gu mullach; tha e na’s isle na sin air na beanntan agus na’s àirde na sin anns na glinn. Tha araon am balla ’s na tùir na’s leithne gu h-iosal na tha iad gu h-àrd, agus tha geatachan air am fosgladh trompa dh’ ionnsuidh nam bailtean air gach taobh. Bha duine a chunnaic am balla o chionn leth-cheud bliadhna as radh ged rachadh na bha de chloich ann an taighean-còmhnuidh Bhreatunn air fad a chruinneachadh còmhladh,—agus bha e ’meas gu robh muillean us ochd ceud mile dhiubh ann,—nach biodh gu leòr ann air son am balla so a thogail! Bha e ’g radh gu robh de chloich anns na tùir ’s anns na daighneachdan leotha fhein na chuireadh suas baile bhiodh uiread ri Lunnuinn. Tha e air a mheas le feadhain eile gu bheil pailteas de stuth ann gus balla bhiodh sia troighean a dh’ àirde ’s ceithir troighean a thiughad a chur ceithir thimchioll an t-saoghail. Chuireadh am balla mor so suas leis na Sineich mu dha cheud bliadhna mu’n d’rugadh Criosd, air son an naimhdean, na Tartarich, a chumail a mach; ach an deigh an saothair uile, fhuair na Tartarich a stigh agus thug iad fo chis iad. Gus an latha ’n diugh ’s iad na coigrich sin a tha riaghladh Shina, agus cha ’n ’eil bàigh sam bith aca ris an t sluagh, ’s cha mho na sin a tha spéis sam bith aig an t sluagh dhaibhsan. Oidhche Fhliuch. Bha duin-uasal o chionn ghoirid a’ ghabhail a dhinneir ann an tigh caraid, agus am feadh ’sa bha iad aice thoisich sileadh mor uisge. Dh’fhuirich an t-aoidh cho fad ’sa b’ urrainn e, feuch an tigeadh turadh, ach ’s ann a bha ’n t-uisge sior dhol na bu mhiosa. Chuir fear an taighe impidh air fuireach gu maduinn, agus o nach robh choltas air gu ’n rachadh an t-side na b’ fhearr dh’aontaich e sin a dheanamh. Ach an ceann beagan mhionaidean dh’ ionndrain iad e, ’s cha robh fhios cait an d’ thug e air. Cha robh sgeul shios no shuas air. An ceann leth-uair a thim, thainig e stigh ’s e bog fliuch. “An ainm an àidh,” arsa fear an taighe, “càit an robh thu?” “Bha mi,” ars esan ’s e ’ga chrathadh fhein, “aig an tigh; chaidh mi a dh’ innse do m’ mhnaoi nach b’ urrainn mi dhol dhachaidh gu maduinn leis cho fliuch ’s a bha an t-side.” Mnathan Shiam. Tha teachdaire a tha o chionn aireamh bhliadhnaichean ann an Siam a’ sgriobhadh mar a leanas a thaobh an t-sluaigh. ’Nuair a thainig sinn do’n duthaich an toiseach cha robh bean no nighean anns a cheud comasach air leughadh, ged a bha na gillean a faotainn teagaisg ann an leughadh ’s an sgriobhadh o na sagairt anns na teampuill. Aon latha thainig caileag bheag mu dha bhliadhn’ deug a dh’ aois, dh’ an bhàt againn a dh’ amharc air na coigrich, agus air dhuinn fheorach dh’ i an rachadh aice air leughadh, cha d’ thuirt i gu ’n rachadh no nach rachadh, ach sheall i oirnn le ioghnadh ag radh, “’Se nighean a th’ annamsa!” mar gu’m bu choir dhuinn a bhi na bu turaile na gu’n cuireamaid a leithid de cheist oirre. Chaidh an gunna-mor a’s motha th’ air an t-saoghal a ghlacadh leis na Breatunnaich anns na h-Innsean ’nuair a chaidh an duthaich sin a chisneachadh. Rinneadh an gunna anns a’ bhliadhna 1500 le ceann-feadhna d’ am b’ ainn Chuleby Koomy Khan. Tha’n gunna sin an diugh air a chur air doigh gu grinn na bhroinn, agus cathraichean us leapannan ann, agus tha e ’na chleachdadh aig na h-oifigich Bhreatunnach a bhi cadal ann. Thoir a cheartas fhéin do gach neach. Na dean iasg de ’n dara neach agus feòil de ’n neach eile. Thoir ’àite fhéin do gach neach. Ma ni thu so cha chum thu comunn ris a h-uile neach. Cha’n urrainn thu comunn a chumail ris an olc agus ris a’ mhath. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus ”Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr Sidni, C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 64] [Vol. 10. No. 8. p. 8] Mo Nighean Dubh. Mo nighean dubh, tha boidheach dubh, Mo nighean dubh, na tréig mi: Ged theireadh cach gu bheil thu dubh, Cho geal ’s an gruth leam fhéin thu! Moch là Coinnle anns a’ mhadainn, ’M leaba ’s mi gun éirigh, Gu ’m facas òigh an taice rium, ’S a gnùis ro dhreachmhor, ceutach. Mo nighean dubh, &c. Toisichidh mi aig do chasan, Chum do mhaise ’leughadh;— Di-dòmhnuich a’ dol an chlachan, Bean do dhreach cha leir dhomh. Thig stocaidh gheal air rogha dealbha Air do chalpa gle-gheal; Brogan barra-chumh’nn, ’s bucaill airgid— Oigh air dhealbh na gréin’ thu! Seang chorp fallain, mar shneachd meallain, No mar chanach sléibhte; Mar fhaoileag chladaich, ri là gaillin, Air chuan mara ’g éirigh. ’S math thug gùn ’s an fhasan duit,, Cho math ’s a tha ’n Duneideann, Mu d’ mheadhon caol ’g a theannachadh, ’S a chamhanaich ’s tu ’g éirigh. Do shùilean mar na dearcagan, Do ghruaidh air dhath na céire, Cùl do chinn air dhreach an fhithich, ’S gradh mo chridhe fhéin ort. Sùil chorrach ghorm fo d’ chaol mhala Bho ’n tig an sealladh éibhinn, Mar dhealt camhanaich ’s an Earrach, ’S mar dhruchd meala Chéitein. Tha falt dubh, dualach, trom, neo-luaidhte, ’N ceangal sguaib air m’ euchdaig; Gur boidheach e mu d’ chluasaibh, ’S cha mheas’ an cuailein bréid e. Cha dean mi tuilleadh molaidh ort— O, ’s tu mo rogha céile! ’S ann ort a tha ’n cùl fàinneagach, Mar sud ’s am braighe glé-gheal. ’S olc a rinn do chàirdean orm ’S gu ’n d’ rinn iad pàirt ort fein d’ e, ’N uair chuir iad as an dùthaich mi, ’S mi ’n dùil gu’n deanainn feum duit. ’S ged nach deanainn fidhleireachd, Gu ’n deanainn sgriobhadh ’s leughadh, ’S a nàile! dheanainn searmoin duit Nach talaicheadh neach fo ’n ghréin oirr’. Fanaidh mo Mhairi Buileach o’n Ti. LE EOBHAN MAC COLLA. ’Illean, nach mise ’bha ’m bhurraidh bochd truagh? ’N uair bha mi gun phòsadh chreid mi na chual’, A’s thuirt mi, le Màiri ’s math dheth bhios mì, Oir fanaidh mo Mhàiri buileach o ’n ti. Fanaidh mo Mhàiri buileach o’n òl,— A’n àite a béil théid an gloine r’a sròin; Cha n-ionnan ’s na banagan shluigeas a tri— A’s fanaidh mo Mhàiri buileach o’n ti. ’S lurach mo Mhàiri ’bleodhann na spréidh! Tha e gu cinnteach taghte air gréis; ’S eòlach air cuibhioll i, clobhaidh i ’n lìon, A’s fanaidh mo Mhàiri buileach o’n ti. Ach thachair am pòsadh, dh’ ath’raich an duan,— Faic sinn nis còmhla ’m bothan na truaigh; Thainig na pàisdean, Ochain, a righ! A’s dh’ amais mo Mhàiri dol air an ti. A ’s ged a tha ’n olainn gun ghainne mil ’n spàrr, Seallaidh am burraidh ’s na ragan m’ a chlàr! An gloin’ air a bilibh gu ’n amais gun strith, A’s Ochain, mo leòn! cha’n fhan i bho’n ti. ’S ged tha i air dheireadh car beag air an fhu’al, ’S leath’ ’n t-urram air clobhadh, ’s tha ’bhlàth air mo chnuaic! Le olcas a bleodhainn chaidh Cheann-fhionn ’an dìosg’ ’S gu ’n cumadh i obair ri tobar le ti. Mo thruaigh air fear falamh a gheibh té le stràic, Mo thruaigh co sam bith e ’gheibh aon nigh’n a màth’r, Mo thruaigh thar a h-uile ni fear mar tha mi, A thuiteas air banaig do ’n iodhal an ti. Mo Chailin Dileas, Donn. LE EACHANN MAC COINNICH, ULLAPOOL. Gu ’m bu slàn a chi mi Mo chailin dileas, donn, Bean a’ chuailein réidh, Air an deise dh’ eireadh fonn; ’S i cainnt do bheoil bu bhinne leam, An uair bhiodh m’ inntinn trom, ’S tu thogadh suas mo chridh’ ’N uair a bhiodh tu bruidhinn rium. Gur muladach a ta mi, ’S mi nochd air àird’ a’ chuain— ’S neo-shunndach mo chadal domh, ’S do chaidreamh fada bhuam; Gur tric mi ort a’ smaointeach; As t-aogais tha mi truagh; A ’s mar a dean mi t’ fhaotainn Cha bhi mo shaoghal buan. Sùil chorrach mar an dearcag Fo rosg a dh’ iadhas dlùth; Gruaidhean mar an caorann, Fo ’n aodann tha leam ciùin. Mar d’ aithris iad na breugan Gu ’n d’ thug mi féin duit rùn; ’S gur bliadhna leam gach là O’n uair a dh’ fhàg mi thu. Theireadh iad mu ’n d’ fhalbh mi, Gu ’m bu shearbh leam dol a’ d’ chòir Gu ’n do chuir mi cùl riut, ’S gu ’n dhiùlt mi dhuit mo phòg. Na cuireadh sud ort cùram, A rùin, na creid an sgleò; Tha t-anail leam ni ’s cùbhraidh, Na ’n drùchd air bhàrr an fheòir. Tacan mu ’n do sheol sinn, Is ann a thòisich càch Ri innseadh do mo chruinneig-sa Nach tillinn-sa gu bràth. Na cuireadh sud ort gruaimein, A luaidh—ma bhios mi slàn— Cha chum dad idir uait mi, Ach saighead chruaidh a bhàis. Tha moran de luchd aimlisg, A’ seanachas an droch sgeoil; An cridheachan mar phuinsean, Cha chuimhnich iad a’ choir; Ach na creid an sgeula; Ma gheibh a’ chléir oirnn coir; ’S ma dh’ fhanas sinn o ’cheile, ’S i ’n éigin a bheir oirnn. Tha ’n t-snaim a nise ceangailte, Gu daingean agus teann; A’s their luchd na fanaid rium, Nach ’eil mo phrothaid ann:— Am fear aig am bheil fortan, Tha crois aige ’na cheann, ’S tha mise taingeil, toilichte, Ged tha mo sporan gann. Bas. —Ann an Oakland, California, air an aonamh latha deug de dh’ Iulaidh, Aonghas Mac Isaic, (Mac Alasdair), a mhuinntir Bhroad Cove, C. B., tri fichead us ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois. Dh’ fhàg e bean, triùir mhac agus triùir nighean. Bha e tinn o chionn cheithir bliadhna, agus ann an cràdh mor, ach ghiùlan e leis gu foighidneach, agus bha e làn striochdte do thoil Dhé. O chionn ceithir bliadhn’ deug air fhichead bha e gabhail cùraim de ’n chladh Chaitliceach ann an Oakland, agus tha e nise na shineadh fo ’n fhod anns an ionad sin, an cadal trom a bhàis, a feitheamh an latha anns am bi e air a ghairm dh’ ionnsuidh na duaise a choisinn e le ’dheagh ghiùlain ’s le bheusan anns a bheatha so. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ceannachd Posta. Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu....... Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 65] [Vol. 10. No. 9. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 30, 1901. No. 9. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XV. ANN an da sheachdain bha ’n tuil air traoghadh gu mor, air chor ’s gu ’n d’ fhuair iad na bha dhìth orra. Bha ’n t-sìde nis a fàs na bu bhlàithe a h-uile latha mar a bha tighinn. Bhrùchd am feur maoth, gorm a mach cho luath ’s gur gann nach fhaicteadh ’fàs e. Dhùisg an sùgh-beatha bha ’n cridhe nan craobh ’s nam preas, ’s thòisich e ri ruith le farum anns na cuislibh a bha cho fada fuar, ’s chuir e ’mach an duilleach air gach meanglan, ’s ann an ùine ghoirid bha na coilltean ’s na blàir an éideadh cùbhraidh, taitneach an t-samhraidh. Anns a’ mhaduinn, ’s iad uile fo dhriùchd, bu leigh bodhaig ’us inntinn an siubhal—fàileadh cùbhraidh air gach taobh, mar thùis ag éirigh gu nèamh an dearrsadh òr-bhuidh na gréine;—na h-eòin a seinn le caithream ’s gach àite, ’s iad a nis air tilleadh as an cairtealan geamhraidh mu dheas, ’s car tacain iad a leigeil an analach, a cur seachad na h-ùine seinn gu milis, gus am bi an t-àm an t-seann nead a lìnigeadh as ùr ’s an teaghlach a thogail mar a dh’ òrdaich nàdar. Air maduinn chiùin, chùbhraidh mar so, bha an dithis chompanach a’ gabhail cuairt shios ’sa ghleann aig an amhuinn ag iasgach. Bha iad air feum math a dheanamh, a réir a ghaid a bha iad a’ giùlan. Air dhaibh a bhith dol ma chuairt air lùb dhe ’n amhainn, thachair meall do thalamh riutha a thug an sruth, am measg gach ni eile, nuas o’n tuath. Bha iad a dol a ghabhail seachad, an uair a thug Aonghas an aire, ’s e air sùil a thoirt thar a ghuailleadh, do ni air choireigin a dearrsadh ann. Chrom e ’dh’ fhaicinn dé bh’ ann, ’s fhuair e cnap beag, cruaidh gu math trom, anns an robh iomadh dath an dearrsadh na gréine, ach b’e dath blath-buidhe bu mhotha bh’ ann. Ghabh na gillean amhrus làidir gur e òr a bh’ ann, ’s chaith iad an t-iasg air làr, ’s thòisich iad le chéile air cladhach gu trang. “Cha ’n fhaca mi-fhìn riamh,” arsa Calum, “righ an t-saoghail ’san leabaidh ’s na dh’ fhàs e, ach ’s fhad o chuala mi gur iomadh rud buidhe nach ’eil na òr; ach tha cudthrom an uamhais ’san rud so co-dhiu, ’s tha sin na chomharradh math. Feumaidh gu bheil an stuth so gu math pailt ’san àite as an tàinig so.” Rannsaich iad gu math ’s gu ro mhath an talamh ’s gach freumh, ’s fhuair iad seachd cnapan eile nam measg. Roinn iad an stuth, ’s ghleidh iad gu cùramach e gus an ruigeadh iad àite tiorail, ’s am faigheadh iad a mach dé bh’ aca. A mach uaithe sin bhiodh iad a siubhal na h-aimhne gu tric feuch an tachradh tuilleadh riutha, ach cha d’ fhuair iad ach aon àit’ eile san tiurr’ a phàigh an saothair. Cha robh na daoine buidhe ’cur dragh sam bith orra fhéin mu ’n chùis; b’ fhearr leotha gu mor rud air an deargadh fiacail ’sa ghabhadh ithe, na na bha de dh’ òr air thalamh. Mar sin cha bhiodh iad ’gan sàrachadh fhein, ’s cha robh iad ach a faicinn dhaoin’ eile gòrach ’ga shìreadh, na ’shìreadh ni sam bith ach rud a chumadh beò iad. Thòisich a nis inntinn nan Gaidheal ri fàs luasganach, oir bha toil aca faighinn air falbh mu dheas. B’ ann an taobh sin bu docha iad tighinn tarsuinn air a seorsa fhéin, a stiùireadh iad aon uair eile gu àite Criosdail. Bha e nàdarra gu leor iad a bhi mar so, ’s nach biodh iad cho riaraichte ri ’n co-bhràithrean buidhe ’san staid anns an robh iad. Bhiodh farmad aca riutha na uairibh cho neo-ar-thaingeil ’sa bha iad, gun chìs do righ, na do mhaor no bàillidh—gun chùram lòin, gun chur, gun bhuain, ach mar na coilltean a bha ga ’n cuartachadh, a sealltainn ri nàdar air son am beathachadh. Ach seallamaid a bheil so cho taitneach ’sa shaoileadh sinn: Anns gach cearna ’s na dùthchannan teith ’sa bheil nàdar ’ga nochdadh fhéin na glòir a chuid mhor dhe ’n bhliadhna—far a bheil, mar gu ’m b’ eadh, an t-aran fuinte air gach craoibh, air chor ’s nach ’eil aig duine ach a làmh a chur as a chionn air son a dhìnneireach—tha buadhan-inntinn nan daoine sin marbh; cha ’n ’eil iad aona chuid treun am bodhaig na ’n inntinn, oir feumaidh an da chuid a bhith air an obrachadh ’s air an treachaid gu math, air neo cha bhi annta ach mathachadh gun bhrìgh. Air an laimh eile, far a bheil daoine ri stri an aghaidh nàdair gu cruaidh air son am beòlaind, tha iad treun am bodhaig ’s an inntinn. Bha fios aig na gillean air a so, agus b’ fhearr leotha bhith fo chuing a mhaoir fhéin na bhith nan tàmh; oir mar is cruaidhe dh’ oibricheas sinn air son ar lòin ’s ann is blasda gheibh sinn e, ged tha iomadh àit’ ann, mar a bha ’Ghàidhealtachd fhéin, nach fhaigh duine ach beagan duais air son moran saothair. “Nach e duine gheibh e-fhéin beag, a Chalum,” ars’ Aonghas, ’s iad a muigh air chuairt, “am measg nam fàsaichean so. Nach suarach, crion aon duine na dithis an cridhe obraichean nàdair, ged tha iomadh duine ann, gu h-àraidh an uair a bhios iad òg, a bhios a smaointean nach deanadh an saoghal an gnothuch as an aonais idir. Chuireadh e ioghnadh mor orra nan drughadh e air na h-inntinnean beaga, cumhann aca, nach ’eil iad as aonais an t-saoghail, ’n uair a shluigeas e iad, ach mar bhoine uisge as aonais a chuain mhoir. Cha ’n ’eil boin’ uisge ach faoin leis fhéin, ach cuir moran dhiubh comhladh ’s tha cuan mor gun choimeas agad, a ghiulaineas gach ni, ’s nach gabh smachdachadh le cumhachd sam bith eile. ’S ann mar bhoine tha sinne ’san tìr so, a Chalum. Cha dian sinn moran feum ann leinn fhìn, ach thig an latha ’theid am boine ’na shruth, ’s an sruth na chuan, a theid o dhuine na dithis gu grunnan, ’s o ghrunnan gu sluagh lionmhor, a dh’ atharraicheas aghaidh na tìr so; oir ma ’s e òr a fhuair sinn an sid, feumaidh gu bheil e gu math pailt an cearn air choireigin, a bharr air iomadh ni eile ’thairneas sluagh as gach cearn.” “Stad ort, ’Aonghais, feuch am faic mi a bheil an còta cearr umad,” arsa Calum. “Cha chuala mi thu ri fàdhadaireachd o’n latha bha e cearr umad roimhe; ach tha mi ag aontachadh leat ’s na thubhairt thu. Ach seall an treubh g’ ar feitheimh, ’s iad deiseil leis an imrich air son an Eiphit fhàgail. Dé do bharail, ’Aonghais, nach ann a bha Rob Cam (b’e so an t-ainm a bh’ aig Calum air a cheann-feadhna) an dé a tairgse dhomh dithis mhnathan na ’n tugainn dha mo sgian-luthaidh, agus coiseachd latha do dh’ fhearann a bhàrr air. Ach ged nach do chosg i dhomh ach da thasdan, cha tugainn dha i air an treubh, ’s gach frith a bhuineas dhaibh ’s an àm.” Ghluais iad air falbh, ’s an ceann-feadhna ’sa ghaisgich nan cuideachd. Bha na sguaichean, a chlann ’s an t-seann fheadhainn a fuireach, ach bha càch a dol astar da sheachdain maille riutha. Rainig iad aig ceann an ama sin bruaichean amhainn mhor, ach ged a bha i gu math mor, dh’ innseadh dhaibh nach robh ann ach meur a bhuineadh do dh’ amhainn a bha moran na bu mhotha. Cha ’n fhac’ iad uige so duine geal na ’choltas faisg na faireadh. Chuir iad seachad seachdain an so, ’s gun mhoran aca ’ga dheanamh, oir theirig am fùdar fhein dhaibh, ’s mar sin cha robh cothrom aca air sealg, ’s ged a rinneadh rogha nam boghachan dhaibh, cha robh meas sam bith ac’ orra. “Tha sinn,” arsa Calum, “coltach gu leoir ris na h-Innseanaich mar a tha sinn, ’s ma chuireas sinn na biorain-iteach ud air ar cliathaich ni e ’n gràinne-mullaich a bha dhith. Saoilidh mi fhìn gu ’m fàgadh a Ghàilig mo theanga nan cuirinn fear dhiubh ri m’ shùil gu bràth.” Bhiodh iad mar sin mar bu trice dluth do ’n champ ri taobh na h-aimhne. Air aon latha bha iad mar so a gabhail fois ’san àit’ àbhaisteach—cùil thaitneach a ghlacadh a ghaoth fhionnar a bhiodh a tighinn thar an uisge. Bha ’n latha gu math teith, ’s bha na gillean nan sìneadh fo dhubhar tom seillich, gu cadalach ag amharc an éisg, a bha gu math pailt ’san amhainn, a ruith ’sa leum an deigh nan cuileag air uachdar an uisge. Air dhaibh a bhith mar so, chual’ iad farum, farum a tighinn, mar iomadh cas a ruith. Bha iad air am bonnaibh ’sa mhionaid feuch am faiceadh iad co air an robh chabhag air latha cho teith. An nuas uca chunnaic iad dithis do dhaoine geala, nan cruaidh leum, agus seiseir eile nan deigh, geal cuideachd, ged nach robh na bha ri fhaicinn dhiubh ro gheal ’san am. An uair a chunnaic an dithis a bh’ air thoiseach na Gaidheil, ghabh iad far an robh iad air son dian, ’s iad gu glan thoirt suas. Thainig càch, ’s coltas na feirge nan gnùisean, ’s bha iad air son a bhith ’m bad chàich ’sa mhionaid. Ach chaidh na gillean eatorra, ’s leis a choltas mhor, fhiadhaich a bh’ orra, ghabh càch miapadh ’s sheas iad tiota. Dh’ fhaighneachd Aonghas am Beurla ciod a bha cearr, ’na dé rinn an dithis, a dh’ fhàg iad cho naimhdeil dhaibh. Fhreagair fear dhiubh ann a fìor dhroch Bheurla gu ’m bu Fhrangaich e-fhéin ’sa chompanaich, ach aon fhear, ’s gu ’m bu Gheancaich an dithis eile, gu robh e smaointean. Thuirt e gun robh iad nan companaich aca uige so—gun do shàbhail e-fhéin ’sa chàirdean iad o fhearg nan Innseanach, ’s gun do ghabh iad iad a stigh comhla riutha a trapadh fada ’n iar air a sid—gun robh amhrus aca gun robh ’n thoill annta riamh o’n a thainig iad nan cuideachd, ach nach d’ fhuair iad cothrom gus an lath’ ud fhéin air a cur an gniomh. “Bha sinn,” ars’ esan, “a trapadh fad a gheamhraidh, agus chaidh leinn gu math, oir tha [TD 66] [Vol. 10. No. 9. p. 2] iomadh luach ceud dolair do bhéin luachmhor againn. Tha mise eòlach air gach slighe ’sa chearna so, oir is scann “voyageur” mi, agus is mi is fear-iùil do chàch. Tha ’n t-slighe ’n iar air a so doirbh a deanamh, agus ’se duine aig am bi féin-fhiosrachadh a ni an rathad, ach an car bhuaithe so tha e furasda gu leor. Mar sin bha na h-uaislean sin a smaointean gun deanadh iad fhein an gnothuch tuilleadh, ’s ghabh iad mar sin an cothrom, ’s iad air sinne fhaighinn air tìr, ’s chuir iad na béin uile ’s gach ni anns a chanu bu mhotha, ’s chuir iad an sgian air an fhear eile pìos o thìr, ’s leig iad dha ’n ghrunnd e. Bha iad mar sin dìreach deas, an duil gu ’n robh gach ni leotha, an uair a nochd sinne gu fàillidh, gun fhios dhaibh, ’s sinn air amhrus a ghabhail, o nach robh iad na ’r cuideachd. An uair a chunnaic iad sinn thug iad ionnsuidh air falbh, ach leis a chabhaig, ’s leis an aineolas,” ars’ esan, ’s e deanamh gàire tioram, “chuir iad thairis i, oir tha e gu math na ’s fhasa fear de dh’ eich fhiadhaich nan Stàidean a mhaighstireachadh na canù, ’s tha i-fhéin ’sa luchd ’sa ghrunnd shìos ann an sud. Am measg gach ni eile bh’ innte, tha na gunnachan againn, agus ’s e sin a dh’ fhàg iadsan cho fada so beò, oir bha iad air an duais a choisinn iad fhaighinn air son am mi dhìlseachd.” Thionndaidh Aonghas ’s sheall e air an dithis chiontach, ’s chreid e air an coltas gun deanadh na ceart òganaich gniomh cam sam bith. “Cha ’n ’eil teagamh,” ars’ esan, ’s e tionndadh ris an Fhrangach, “ma rinn iad sin uile nach do thoill iad dioladh air a shon. Ach air a shon sin nam faigheamaid uile na thoill sinn, ’s iomadh aon a bhiodh uireasach. An uair a bhios duine air a dhalladh le feirg, ni e iomadh uair gniomh no their e briathran a bhios aithreachas air air an son, ach tha an cron deante ’s cha dean aithreachas ’atharrachadh. Cha toireadh e toil-inntinn mhor sam bith dhuibhse iadsan a chrochadh ri craoibh, mar tha sibh a maoidheadh a dheanamh. Tha sibh an drasd’, agus le reusan, ann am feirg—abuich mar sin airson an gniomh sin a dheanamh. Ach smaointichibh car tiota. ’S docha gu bheil iomadh bliadhna saoghail aig gach aon agaibh, agus mar sin ùine airson sealltainn air ais air an rud a rinn sibh, le smaointean nach biodh robh thaitneach. Cha ’n ’eil e ro choltach gu ’m biodh e ’na shealladh ro bhòidheach aig sùilean ’ur n-inntinn, na ’r dùsgadh no na ’r cadal, na cuirp aig an dithis so, ciontach ’s mar a tha iad, a bhith gu critheach, gluasadach, ’s na spàirnean deireannach, a tighinn gu ’r cuimhne. Leigidh sibh am beatha leotha, agus fàgaidh sibh am peanasachadh aig an cogaisean fhéin, agus ma dh’ fhaodte gun dean iad aithreachas agus beagan math ’san t saoghal fhathast.” ’S ann mar sin a bha. Thug am Frangach taing do Aonghas, an déis dha a bhith bruidhinn greis ri càch, air son a chomhairle. Ach thuirt e gun tainig e-fhéin ’sa chàirdean gu aon cho-dhùnadh co-dhiù, agus b’e sin, gum fàgadh iad an dithis chiontach far an robh iad, air son iad fhéin a chothachadh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad. (Ri leantuinn). Am fear a thug buaidh air fhéin thug e buaidh air nàmhaid. Faodaidh fearg sealltuinn a steach ’an cridh’ an duine ghlic, ach còmhnaichidh i ’n cridh’ an amadain. Am fear a dh’ imich an cruinne cha d’ fhiosraich co dhiubh b’ fhearr luathas no maille; ach thug e ’n t-urram do dh’ fhear na moch-eirigh. Domhnull Beag. * EARRANN II. LE IAIN MAC AONGHAIS. BHA Domhnull a sid uair a’ dol a cheannach “catechu,” ma ’s fior an sgeul, air son ruith chartaidh, mar a thuirt e fhein, a thoirt air badan lìn sgadain a bha aige. “Tha iad ag ràdh,” thuirt e ris a ghille bhiorach aig Dùghall, “nach ’eil Gàidhlig ro mhaith aig a ghille ghlas a tha anns a bhùthaidh an drasda ann. Ciamar a dh’ iarras mi deich puinnd do “Chatechu” air, ann am Beurla?” A thaobh, mar tha fhios agaibhse, cha toil le cuid do Ghaidheil aineolas aideachadh. “U!” ars’ an gille biorach, “tha sin furasda gu leor a dheanamh. Abair thusa: ‘I want ten pounds of Sheriffmuir, and look slippery!’” Fhuair Domhnull na facail so air a theangaidh math gu leoir—co-dhiu shaoil e fhein sin. Thug e a bhùtha air, mata, agus leig e na facail as mu chinn a ghille ghlais: “I want ten pounds of Sheriffmuir, and look slubbery!” thuirt e gu foirmeil. “A dhearg amadain,” thuirt an gille glas, “thoir thu fhein asad.” Ghabh Domhnull fior mhi-thlachd ’nuair a chaidh na briathran mi-mhodhail sin eadar-theangachadh dha, ’s cha robh iongantas ann. Cha robh duine a bha ’san eisdeachd nach robh a call an luthais le gàireachdaich. ’S ann le spairn a chumadh Domhnull bho bhi am bad a ghille ghlais. Fhuair e a ghnothuch an deigh beagan dragh, ach cha do ghabh e riamh amhrus gun do chuir an gille biorach facail thubaisteach ’na bheul! Bha nàbuidh aig Domhnull ris an canadh iad Eoghann mòr. Cha ’n fhanadh an dithis ud bho chéile, agus an deigh sid ’s gu léir cha chòrdadh iad fad thri mionaidean. “Tha sibh a teannadh sios,” thuirt Domhnull. “Cha ’n ann ’s ann a tha mi ’dol suas,” fhreagair Eoghann. “Ma ta,” arsa Domhnull, “ge b’e air bith an rathad a tha e na ’ur beachd a dhol, ’s ann sios a tha ’ur n-aghaidh co-dhiu.” Tuigidh sibh, theireadh an dara fear sios ri ruith an uisge, ugus theireadh am fear eile ri dol fodha na gréine. “’S e an ceann so de ’n t-saoghal ’tha gu h-ard,” thuirt Eoghann. “Cha ’n e,” arsa Domhnull, “’s e an ceann eile dheth tha gu h-ard.” “Cha ’n e,” ars’ Eoghann, “gu b’ oil le do chorp.” “’S e,” thuirt Domhnull, “gu b’ oil le t-amhaich. Bheir mise sios thu air sgroig do ’n tigh sgoile, agus chi thu an sin co tha ceart.” Chaidh iad sios do ’n tigh sgoile ’us chunnaic iad co an ceann do ’n “mhap” a bha gu h-ard, agus bha iad làn riaraichte le cheile gu ’r e sin an ceann de ’n talamh a bha an uachdar cuideachd. “Tha ’n saoghal, a Dhomhnuill,” ars’ am Maighstir sgoile, “cho cruinn ri ceirsle shiomain.” “Cha chreid mi guth dheth,” arsa Domhnull. “Creididh mis’ e,” arsa Eoghann mòr. “Tha, a Dhomhnuill,” thuirt am Maighstir sgoile, “agus tha e a dol mu ’n cuairt mar gu ’m biodh clach-liaraidh ann.” “Cha chreid mi facal dheth,” fhreagair Domhnull. “Tha mise a’ creidsinn a h-uile smiod dheth,” arsa Eoghann. “Ciamar, mata,” thuirt Domhnull, “nach ’eil mi a tuiteam dheth.” “Tha,” ars’ am Maighstir, “rud ga do chumail air ris an can iad ‘attraction.’” “Pooh!” arsa Domhnull, “coma leam dhibh fhéin, ’s de ’ur cuid ‘subtraction.’” Ann an làithean òige chaidh Domhnull bliadhna a bha ’n sin a dh’ ionnsuidh iasgach Eirinn—iasgach Howth—no mar a theireadh e fhein iasgach “House.” Bho ’n a b’e fear a b’ òige * Air a leughadh aig Ceilidh nan Gaidheal, an Ard Sgoil Ghlasacho. dheth na sgioba, thainig air a chòcaireachd a ghabhail fo ’s laimh—b’e sin obair na tubaisde, mar a thuirt e fhein. Chaidh gnothuichean reidh gu leor gus latha a bha sin a thainig lunn mor air a mhuir. Mar tha fhios aig cuid agaibhse tha mi a creidsinn, cha ’n ’eil moran ruim ann an toiseach bàta iasgaich. Bha Domhnull a stigh na dha lùib ri taobh an teine, ’us ’aodann cho dearg ri partan bruich, agus e feitheamh gu foighidneach gus an goileadh an coire. Bha ’n gille garbh aig Miles ’na shuidhe aig an stiùir—làmh chinnteach aig an ailm, ged a bha e dàna gu leor corra uair; agus bho ’n ’us e an gille garbh bu stiùireadair, gu dé a b’ fhearr a b’ urrainn tachairt na mar a thachair. Bha iad a fàgail air gu robh e ’gabhail ealaidh ri Domhnull, agus an uair a chunnaic e tonn ni bu mhodha na ’cheile a tighinn “leig e ceann caol a fiodha anns an fhairge.” Thug am bàta an t-sìnteag sin aisde ’us chaidh i air chrith mar gum biodh capull a gheibheadh sgian. Sud an coire ’us an t-uisge goileach sìos mu chasan Dhomhnuill. “Ah!” ars’ esan, “fàrdach mo dhuibheadh! nach robh thu a mach air a mhuir mu ’m faca mi riamh thu!” Bhatar ag ràdh gu ’n robh am bàta a mach air a mhuir mu ’m faca Domhnull i. Bha iad oidhche a sid air cheann nan lìon, agus bha Domhnull ri fuireach na chaithris mun tigeadh farbhas sam bith orra no cunnart na ’n rathad. Thuirt Miles ris: “A nise, a Dhomhnuill, feumaidh tu sealltainn a mach gu math geur agus gu ’n cunnart a leigeadh na ’r rathad; ma chi thu solus a tighinn faisg oirnn, feuch gu ’n dùisg thu mise.” Cha robh Miles fada na chadal ’nuair a dh’ eubh Domhnull “Chi mi solus, a Mhiles.” Gu dé a bha so ach rionnag a bha air ùr éiridh! Co dhiu ’se sin a bha na biastan ghillean eile a fàgail air. Dh’ eubh Domhnull uair no dha eile, ach cha tug duine feairt air. Mu dheireadh ghlaodh e aird a chlaiginn, “Chi mi tri soluis a nise, a Mhiles—fear dearg ’us fear uaine gu h-iosal, agus fear geal gu h-ard; agus tha iad dìreach gu ’bhi againn! “Bha ’n t-àm do Mhiles éirigh. Theab “steamboat” mhor a bhi air am muin. Bha Domhnull ag innse a rithist gur e fhein a phut bhuapa i, ’us gur e sin a shàbhail am bàta ’san robh e agus an sgioba a bh’ innte! Chunnaic Domhnull ioghnaidhean mora ann am Baile Atha Cliath, gu sonruichte na beathaichean fiadhaich a bh’ anns na “showachan”—mar a dh’ ainmich e iad—ann am “Pàirce na Phænix” Leis nach robh e fhein ro mhath air a pheann, ’s e an gille garbh aig Niall (fear a bha cho làn do chleasan ’sa bha ’n t-ubh do bhiadh) bu chléireach dha. “Innsidh thu do mo mhàthair,” thuirt Domhnull, “mu ’n a h-uile beathach neònach a chunnaic sinn anns na ‘showachan.’” “Innsidh,” ars’ an gille garbh; “agus tha dealbhan an sid dhiubh agam fhein, agus cuiridh sinn anns an litir iad.” “Sin thu, ’sheoid!” arsa Domhnull, “bheir mi dhut pinnt de na phortair a’s fhearr a tha anns a bhaile air son sin.” Chaidh an litir a sgriobhadh, agus moran fiosrachaidh a chur innte mu dheighinn bheathaichean fiadhaich nach fhaigh sibh air a chur sios ann an leabhraichean a chaidh fhathast a chlodh-bhualadh! Anns an litir, mar mhìneachadh air a chùis, chuir an gille garbh dealbhannan a chruinnich e thall ’s a bhos—mar a chi sibh ann am paipeirean neonach a bhios ri faladha—cinn dhaoine ’us mhnathan air leomhain ’us air iolairean, ’us cinn bheathaichean eile air daoine ’us air mnathan, ’s mar sin sios. Rainig an litir a ceann-uidhe, agus bho nach b’ urrainn do mhàthair Dhomhnuill a leughadh chaidh i gu Eoghann mòr leatha, oir bha brocarsaich mhaith sgoile [TD 67] [Vol. 10. No. 9. p. 3] aigesan. “Tha mise ag radh riut,” ars’ Eoghann, “nach robh an leithid sin do bheathaichean riamh air uachdar an t-saoghail.” “Tha mise ag radh riutsa gu robh,” thuirt a chailleach. “Dearg amadanachd!” ars’ Eoghann; “cha deachaidh an leithid a chruthachadh!” “Gu dé fios a th’ agadsa, a bhuamasdair mhosaich, nach d’ fhàg an dùthaich riamh,” thuirt Mòrag, ’s i lasadh le feirg. Spìon i an litir as a laimh. Cha chuireadh Domhnull aicese ach an fhìrinn ghlan ann an litir. Tha fhios nach cuireadh—le fhiosrachadh! (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. X BHA righ Harrain a’ gabhail beachd air gach ni a bha ’dol air aghart, agus chord gaisge a’ mharc-shluaigh a thainig g’ a chuideachadh ris gle mhath, agus gun duil aige riutha. Ach, os cionn gach ni, ghabh e tlachd do ’n cheannard an uair a chunnaic e cho treun ’s a bha e anns a’ chath. Bha e ’miannachadh gu laidir fios fhaotainn co e an gaisgeach a thainig cho caoimhneil g’ a chuideachadh. O’n a bha toil mhor aige ’fhaicinn agus taing a thoirt dha, choisich e gus a dhol far an robh e, ach thug e an aire gu ’n robh e ’tighinn ’na choinneamh. An uair a thainig iad dluth dha cheile, dh’ aithnich righ Harrain gu ’m b’ e a mhac Codadad, an gaisgeach treun a thainig g’ a chuideachadh, agus a chuir teicheadh air a naimhdean; agus is gann a b’ urrainn e ceum a thoirt a ionaid nam bonn leis an aoibhneas a bh’ air. “Mo thighearna,” arsa Codadad, “tha aobhar agaibh a bhith fo mhor ioghnadh an uair a tha sibh a’ fhaicinn duine tighinn g’ ar cuideachadh a bha sibh an duil a bha marbh. Bha mi air a bhith marbh gun teagamh mur b’ e gun do ghleidh an Cruithfhear beo mi gus cuideachadh a dheanamh leibh an aghaidh bhur naimhdean.” “O! mo mhac,” ars’ an righ, “am bheil e comasach gu ’m bheil thu air do thoirt dhomh air ais a rithisd? Ochan! Thug mi duil thairis nach fhaicinn gu brath tuilleadh thu.” An uair a thuirt e so, rug e air a mhac ’na ghairdeanan. Agus an deigh dha a mhac a chumail, uine fhada ’na ghairdeanan, thuirt e, “Tha fhios agam, a mhic, air a h-uile car mar a thachair. Tha fhios agam air gach droch dhiol a rinn mo chuid mhac ort an deigh na rinn thu dhaibh de mhath an uair a shaor thu iad a lamhan an duine dhuibh. Ach nithear dioghaltas trom orra am maireach air son an droch ghniomharan. Rachamaid do ’n luchairt. Shil do mhathair iomadh deur air do shon, agus tha i ’feitheamh gus an ruig mise gus gairdeachas a dheanamh maille ruinn a chionn gu ’n d’ fhuair sinn buaidh air ar naimhdean. Nach ann oirre a bhios an t-aoibhneas an uair a chluinneas i gur tusa ’choisinn a’ bhuaidh dhuinn!” “Mo tighearna,” arsa Codadad, “ceadaichibh dhomh fheoraich dhibh cia mar a tha e comasach gu ’m biodh fios agaibh air gach ni a thachair aig a’ chaisteal. An do ghabh aon dhe mo bhraithrean aithreachas, agus an d’ aidich e gach olc a rinneadh orm?” “Cha do ghabh,” ars’ an righ. “Dh’ innis a’ bhan-phrionnsa Deiridhabar dhuinn a h-uile car mar a thachair, oir tha i anns an luchairt. Thainig i dh’ iarraidh dioghaltas a dheanamh air do bhraithrean.” Bha aoibhneas anabarrach mor air an uair a thuig e gu ’n robh a bhean anns an luchairt. “Biomaid a’ grad fhalbh,” ars’ esan ri ’athair agus aoibhneas anabarrach air; “biomaid a’ grad fhalbh far am bheil mo mhathair o’n a tha i ’g ar feitheamh. Tha fadachd orm gus an toir mi oirre fhein agus air Deiridhabar sgur a shileadh nan deur.” Thill an righ gun dail maille ris an armailt do ’n bhaile, agus an uair a chuir e mar sgaoil iad, chaidh e do ’n luchairt le buaidh-chaithream, air a chuartachadh le sluagh a’ bhaile, agus lad araon a’ guidhe air Dia gu ’m biodh an righ fada beo, agus ag ard-mholadh Chodadad. An uair a chaidh an righ agus Codadad a steach do ’n luchairt, fhuair iad Pirouse agus Diridhabar a’ feitheamh an righ gus comh-ghairdeachas a deanamh maille ris a chionn gu’n d’ fhuair e buaidh air a naimhdean. Ach cha ’n ’eil e comasach cainnt a chur air an aoibhneas a bh’ orra le cheile an uair a chunnaic iad Codadad a’ dol a steach comhladh ris an righ. Rug iad air ’nan gairdeanan agus shil iad deoir an aoibhneis gu frasach. An uair a chur iad seachad ’nan ceathrar ann an tomhas math faireachdainean an aoibhneis agus a’ ghraidh a bha cho madurra dhaibh, dh’ fheoraich iad de Chodadad, ciod a’ mhiorbhuil leis an robh e fhathast beo. Thuirt e riutha gu ’n do thachair do dhuine a mhuinntir na duthchadh tighinn a dh’ ionnsuidh na buthadh anns an robh o ’na laidhe leith mharbh, agus an uair a thug e an aire gu ’n robh e ’na shineadh ’na aonar an deigh a lot gu trom, gu ’n d’ thug e d’ a thaigh fhein e air a’ mhuileid a bha e ’marcachd, agus gu ’n do chuir e plasda de luibhean araidh, an deigh dha an cagnadh, air na lotan, a leighis iad ann am beagan laithean. “An uair a chaidh mi na b’ fhearr,” ars’ esan, “thug mi mile taing do’n duine, agus thug mi dha a h-uile daimean a bh’ agam ris an t-saoghal. An sin thainig mi dluth do ’n bhaile, agus air dhomh fios fhaotainn gu ’n robh na righrean a bha anns a’ choimhearsnachd a’ faotainn armailt mhoir deiseil gus ionnsuidh a thoirt air rioghachd m’ athar a cheannsachadh, rinn mi mi-fhin aithnichte do shluagh nam bailtean, agus bhrosnaich mi iad gus a dhol a dhion na rioghachd. Dh’ armaich mi aireamh mhor de dhaoin’ oga, agus dh’ fhalbh mi fhin air an ceann. Thachair dhuinn tighinn an uair a bha ’n da armailt ann an cruas a’ chatha.” An uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri radh thuirt an righ, “Thugamaid buidheachas do Dhia a chionn gu ’n do ghleidh e Codadad beo; ach tha e iomchuidh gu’n rachadh na creutairean mealltach a dh’ fheuch ri bheatha ’thoirt dheth a chur gu bas.” “Mo thighearna,” fhreagair Codadad, “ged a tha iad aingidh agus neo-thaingeil, cuimhnichibh gur iad bhur fuil agus feoil; agus is iad mo bhraithreansa. Tha mise ’toirt lan mathanas dhaibh air son an uilc a rinn iad orm, agus tha mi guidhe oirbhse gu ’n toir sibhse mar a ceudna mathanas dhaibh.” An uair a chuala an righ na briathran so, thoisich e ri sileadh deoir an aoibhneis. Gun dail sam bith thug e ordugh sluagh na rioghachd a chruinneachadh, agus ghairmeadh Codadad ’na oighre air a’ chrun. An sin dh’ ordaich e gu’m biodh a mhic air an toirt ’na lathair ceangailte le slabhruidhean. Dh’ fhuasgail Codadad na slabhruidhean dhiubh, agus chuir a failte orra a cheart cho cridheil ’s a rinn e an uair a thachair iad ris anns a’ caisteal. Bha sluagh na rioghachd lan aoibhneis air son mar a rinn Codadad, agus thug iad cliu is moladh mor dha. Thugadh duais do ’n lighiche mar a b’ airidh e, air son gach deadh obair a rinn e do Dheridhabar. (A’ chrioch). A ni nach gabh nighe, cha ghabh e fàsgadh. Moladh Claidheimh Chonaill. IS e mac mna sithe a bha ann an Conall Gulbann. Chuir righ Lochluinn fo dhraoidheachd e; agus bha e fad tri ràidhean anns a’ bhruth agus dùil aige nach robh e ann ach aon oidhche. Fhuair Conall an claidheamh o a shean-athair, bodach sìth, nuair a bha e ann am bruth Bheinn Ghulbann. Nuair a rachadh an saoidh ’na chulaidh chatha chruaidh chomhraig, is e bu chulaidh chatha chruaidh chomhraig da, a chrios strìlean, strolain, a leine shleamhain, de ’n t-sìoda bhuidhe, agus a luireach aigileineach iarruinn, a chlogad clocharra ceanna-bhuidhe gu dìon a mhuineil agus a gheala-bhraghaid. Chuireadh e sgiath bhucaideach, bhacaideach mhìn-dearg air a thaobh eile, air am bu lionmhor dealbh leomhain, liobairt, gribhinnich, nathrach bheumnaich, losgnaich, shlignich. Sin an uair a dheasaicheadh an laoch a shlachdan geur, cruaidh, curranta claidheimh an deidh a tharruing as a chisdidh chaoil, ghuirm, ghiumhais. A cheann air a chur ann gu socair, mar chuismhdta, ’s e gu ’n fhacal air a linntean, ’s e gu lìomha, liomarra; ’s e gu laidir, fulangach; gu ruighinn geur, ri iomarachadh; so-chur, sàthta, so-bhuailte, ’na làmhuinn geur, eutrom, iongantach. B’e sin an claidheamh siosantach, suasantach. Ghearradh e naoi naoinear a null, agus naoi naoinear a nall, agus ghlacadh e fein anns an làimh cheudna a rithisd e; maille ri a dha sgithinn ghuineana, ghoineana, mar arm gheur ghorrag, mar arm ghorm sgian. Sgian a ghearradh ubhal air uisge, agus fuiltean foinnearra, fiorghaidh; a bheireadh uisge air stiornanan, agus teine dearg air an earrliun annta air an toiseach agus asta air an deireadh; far am bu tiugh e bu tana e, agus far am bu tana bu luath-sgaoilteach, bu dùn-mharbhach. Cha ’n fhàgadh e fear innseadh sgeul na maoidheadh an tuairisgeul, mar an rachadh e an talamh toll na sgeilpeannan chreag, ach aon fhear claghann ruadh air leith-shuil, agus air leth-ghluin, ’ s air leth-chluais; agus ged a bhitheadh deich teanganan filidh fior-ghlic ’na cheann, is ann ag innseadh uilc fhein agus uilc chaich a bhitheadh e, agus treuntan a’ ghaisgich. Bha Domhnull agus a ghoistidh, Iain, a’ falbh còmhla do’n bhaile mhòr, agus sùil gu’n d’ thug Iain air an rathad, chunnaic e sporan làn us teann ’n a laidhe aig a chasan. Thog e e, agus thubhairt Dòmhnull, “A chiall nach gasd a thachair dhuinn.” “Dhuinn!” ars Iain, “cha mhath a labhair thu; ’s ann dhomhs a tha an tachdair,” ’us chuir e an sporan càirtidh ’n a sporan molach fhéin. Cha dubhairt Domhnull diog, agus chaidh iad air adhart gu balbh, tosdach, gus an d’ ràinig iad coille mhor. An seo ghabh na robairean fàth orra, agus thuirt Iain “mo thruaighe! tha sinn ’an eiginn n’ ar dithis.” “N’ar dithis!” arsa Domhnull, “tha thus’ a d’ aonar ann,” agus thárr e às troimh ’n choille, ach bha Iain air chrith cho mòr leis an eagal ’s nach b’ urrainn dha teicheadh. Rug na ceatharnaich air agus thug iad uaithe an sporan ’s a chuid airgiod fein maille ris. Mar bha e air an àm sin, bithidh e a rithist,—am fear nach cuidich le càch an uair a bhitheas am pailteas aige, is docha gum bi e gun charaid ’n a dheuchainn féin. Faodaidh duine dol air muin eich gun dol thairis air. Am fear a bhios modhail, bidh e modhail ris a’ h-uile duine. Faodaidh duine ’chuid itheadh, gun a chluasan a shalachadh. Faodaidh e ’bhi gur duine math thu, ach cha ’n ’eil gnùis deadh dhuin’ agad, mu’n dubhairt Niall nam beann ris a’ chat. [TD 68] [Vol. 10. No. 9. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OGUST 30, 1901. “Am Bard.” Is e so is ainm do phaipear ùr Gàidhealach a thatar a’ cur am mach ann an Duneideann, agus de’n d’ fhuair sinn an darra àireamh. Tha e air innse dhuinn gu’ m b’e chum a’ cheud àireamh o thighinn gu ’n d’ rinn na clodhadairean uiread mhearachdan ’s an obair a rinn iad air ’s nach robh am fear-deasachaidh toileach a chur an lamhan luchd-deasachaidh phaipearan eile. Cha’n eil an darra àireamh fhein gu buileach saor o mhearachdan, ach cha’n eil na th’ann dhiubh cronail. Tha leughadh taitneach anns A’ Bhard, Beurla ’s Gailig, eachdraidh, sgeulachdan agus bàrdachd. Tha àireamh mhath de dheagh sgriobhadairean aige, am measg chàch ar caraid dìleas féin, “Iain,” a tha toirt seachad “A’ Ghobhair Ghlais,” sgeulachd a fhuair ar luchd-leughaidh air an t-seachdain ’sa chaidh anns a’ MHAC-TALLA. Bu chòir do Ghàidheil na h-Alba paipear a bhi aca gu h-iomlan ann an Gàilig, ach o nach eil sin aca, bu chòir dhaibh an dichioll a dheanamh air Am Bard a chumail beò ’sa neartachadh. Ma leanas Am Bard roimhe cho math ’sa thoisich e, agus gun cum e suas ’eud a thaobh Tir agus Teanga nan Gàidheal, faodaidh e bhi cinnteach aig gach àm á deagh dhùrachd ’s á cairdeas MHIC-TALLA. Cruinneachadh Mor nan Gaidheal. (Oban Times). Ann an ceann-bhaile na h-Eirinn bidh Gàidheil as gach cearn a’ cruinneachadh ’an ùine ghoirid a chur eòlas is fàilte air a chéile. Bidh Gàidheil na h-Alba ann, agus sliochd a’ Ghàidheil á Sasunn, maille ri muinntir Mhanainn, agus feadhainn do ’n aon fhuil as an Fhraing. Thig iad so uile a ghabhail comhairle le am bràithrean an Eirinn a thaobh moran nithean a tha iad ag altrum agus aig am bheil gràdh aca ’an coitcheann. Tha ioma ni aca ri ghleidheadh a suas. An cliù mar chinneach bhiodh o nàrach dhoibh a dhearmad. ’S cha bhiodh e ceart doibh a bhi a’ leigeadh d’ an cànain a bhi faotainn bàs. Agus bu shuarach gu dearbh an sgoilearachd nach biodh a’ gleidheadh gu tairiseach an seann litreachas a tha air a thasgaidh anns a’ chànain. Tha an ceòl ’s an òrain mar an ceudna ’nam boinn orra, ged tha an t-aineolas mor mu ’n chùis so. Bidh na cuspairean so uile air an cuimhneachadh aig a’ chruinneachadh so; agus bhiodh e ’na amaideas dhoibh a bhi fàilneachadh anns an stri a tha iad ag oidhirpeachadh air sealbh fhaotainn air na còirichean ’san fhearann a bhuineas dhoibh. Na Seilleinean. Tha tri seòrsa sheilleinean a’ gabhail comhnuidh anns gach sgeap; ’s iad sin na seilleinean òga, na seilleinean dìomhain, agus a’ bhan-righ. Ré an t-samhraidh tha na seilleinean òga ro-ghnìomhach, a deanamh suas Chirean, agus ’gan lionadh le mil; ach tha na seilleinean dìomhain a’ fantuinn an còmhnuidh san sgeap, agus ag òl na meala a ta a chuid eile a’ tional. Aig deireadh an t-samhraidh, ’nuair a ta a’ chir-mheala lan, agus an obair thairis, tha na seilleinean dìomhain air an tilgeadh mach le cach o’n sgeap, agus air am marbhadh, no air am fàgail gu bàsachadh le fuachd agus le gorta. Tha banrigh anns gach sgeap, a’ riaghladh agus a’ cumail orduigh am measg nan seilleinean. Cha leum sgeap mur falbh i air an ceann, agus ma gheibh i bas fasaidh iad mall ’nan obair, agus theid iad ma dheireadh gu neoni. Oibrichidh an seillein gu dichiollach air feadh an t-samhraidh chum gu’m bi pailteas aig air feadh a’ gheamhraidh; agus nach còir d’ a so gach leisgean a theagasg, gu bheil e mar fhiachaibh air dìchioll a dheanamh air son na beatha a ta làthair, ’nuair tha e òg agus comasach air so a dheanamh? Tha gluasad am measg sluagh Shidni aig an àm so air son suim mhor airgeid a thairgse do chuideachd sam bith a thoisicheas air togail shoithichean an taobh a stigh de chriochan a’ bhaile. Bha a’ chuis air beulaobh comhairle a’ bhaile air an t-seachdain s’a chaidh ach chuir iad dail ann, ’s tha cuid de ’n t-sluagh anabarrach diumbach dhiubh air son sin a dheanamh. Tha Halifacs a tairgse suim mhor airgeid air son an aobhair cheudna, agus tha Louisbourg a tairgse larach shaor air son nan obraichean. ’S i bharail a tha aig daoine breithneachail nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bithear a’ togail shoithichean ann an cearn air choireigin de Nobha Scotia, agus ma tha bharail sin ceart, ’s tha sinn an dochas gu bheil, saoilidh sinn fein gu ’m bi an obair air a suidheachadh anns an ait a’s fhearr ’s is freagarraiche, co-dhiu a thairgeas muinntir an aite sin cuideachadh, no nach tairg. Cha’n eil sinn a’ creidsinn gu ’m b’e na fhuair cuideachd an iaruinn o bhaile Shidni a thug orra an obraichean a shuidheachadh ann, agus cha mho a tha sinn a’ creidsinn gu ’n toir na thairgeas aon de na tri bailtean a chaidh ainmeachadh, air cuideachd togail shoithichean suidheachadh ann mur bi iad lan dhearbhte gur h-e an t-aite ’s freagarraiche air son na h-obrach a tha ri fhaotainn. REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater A. W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 69] [Vol. 10. No. 9. p. 5] Naigheachdan. Am fear aig am bheil saoibhreas tha meas air, cha ’n ann a chionn gu bheil nadur math aige, ach a chionn gu bheil saoibhreas aige. Cha ’n ann mar so bu choir do ’n chùis a bhith. Tha sinn toilichte ar caraid, Alasdair Mathanach, fhaicinn dhachaidh gu slàn, fallain, an deigh cuairt thri miosan a chur air bailtean mora Bhreatuinn, agus air Tir nam Beann. Chòrd a thurus gu sàr-mhath ris. Chunnaic e roinn mhor dhe’n Ghàidhealtachd, agus tha dòchas againn nach fhada gus an toir e iomradh do leughadairean MHIC-TALLA air pàirt dhe na chunnaic ’s na chual’ e ann an dùthaich bheanntail, bhàrdail ar sinnsir. Tha an coirce ’s an crithneachd gu bhi gle mhath an Eilean a’ Phrionnsa air an fhoghar so, gu h-àraidh ’sa cheann an ear dheth, far an robh barrachd uisge sileadh fad an t-samhraidh ’sa bha ’sa cheann an iar. Bidh am fodar car goirid, ach tha an siol anabarrach math. Tha am buntàta gle ghealltannach, agus mur tig gaiseadh sam bith ann romh àm a bhuain bidh e na’s pailte ’s na’s fhearr na bha e air an Eilean o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha bean a comhnuidh ann an Ardnamurchan, an Alba, Mairi Stiubhart, a tha ceud bliadhna agus a deich a dh’ aois. Ma dh’ fhaodte nach ’eil ban-iochdaran eile aig Righ Iomhar ann an cearna sam bith de Bhreatunn a tha an déis an aois so a ruigheachd gun facal na ceann ach Gàilig. Rugadh i ann an siorrachd a tha ainmeil airson seann daoine—siorrachd Earraghaidheal. Ged a tha bhean chòir so cho sean ’sa tha i, tha i gu slan, fallain fhathast. Anns a bhliadhna 1795 rinn a’ Pharlamaid Bhreatunnach lagh airson sgoilean Beurla a bhi air an togail feadh na Gaidhealtachd a chum a’ Ghàidhlig a chur as gu buileach, agus aig a’ cheart am sin bha miltean de na Gaidheil a dortadh am fala airson cliù nan Sasunnach a chumail suas feadh an t-saoghail. Nach ann aca bha ’n taing air son an treubhantais? Ach tha Ghailig an diugh moran na’s beothaile na bha i o chionn cheud bliadhna dh’ aindeoin gach dichioll a rinneadh air cur as di. Tha rathad-iaruinn Inbhirnis a nise fosgailte o chionn còrr us da mhios, agus tha treineachan a’ ruith gach latha eadar Port Hawkesbury agus mèinnean Bhroad Cove, astar tri fichead mile. Tha an rathad air a dheagh dheanamh, agus tha ’n t-each-iaruinn a’ deanamh da fhichead mile ’s an uair air. Tha an rathad an deigh togail mhor a thoirt do Phort Hood, do Mhabou, ’s do na bailtean eile troimh ’m bheil e ’dol, agus cha’n eil teagamh ri tim nach dean e feum mor do shiorrachd Inbhirnis air fad. Tha fiosan a thainig as an Iar Tuath air an t-seachdain so ag innse nach e cion na h-obrach a tha ’cur air na buanaichean a chaidh a mach as na roinnean so, ach cho doirbh ’sa tha e dhaibh faotainn g’ a h-ionnsuidh. Bha iad air an leigeadh as an sid ’s an so an cois an rathaid-iaruinn, agus moran de na h-àiteachan sin cho làn ’sa chumadh iad de bhuanaichean a rainig air thoiseach orra. Cha d’ rinn iadsan a chuir impidh orra dhol a mach mar bu chòir dhaibh riutha. Cha b’e ’m fàgail àireamh fhicheadan no ceudan mile o’n obair a bhatar a’ gealltuinn dhaibh mu’n d’ fhag iad an tigh. Cha ’n eil tuathanach ann an Ceap Breatunn nach d’rinn gàirdeachas ris an uisge shil oidhche Di-luain. Rinn e feum mor, oir bha an talamh tartmhor, agus bha moran de na tobraichean ’s de na h-uillt air tiormachadh. Thiormaich tobraichean air an fhoghar so nach fhacas gun uisge roimhe o chionn dheich bliadhna fichead. Chaochail triùir ann an aon teaghlach aig na Forks o thoiseach an t-samhradh so. Air an t-siathamh latha dhe’n Mhàigh, chaochail bantrach Jeremiah Smith; air an ath mhios chaochail a h-ighean, Mairearad, agus mu mheadhon Ogust, chaochail Màiri. Is gle ainneamh teaghlach a fhuair fiosrachadh cho trom an ùine cho goirid. Bidh coinneamh aig muinntir a bhaile ann an tigh-na-cùrtach oidhche Di-haoine s’a tighinn air son tuilleadh airgeid a bhòtadh air son obraichean a’ bhaile chur air adhart. Cuirear feum air corr us cairteal millein dolair ($257.000), agus mur bi a mhor-chuid dhe’n t-suim sin air a bhòtadh, cha’n urrrainnear na h-obraichean a bh’ air an gabhail as laimh a chriochnachadh. Cosgaidh e dlùth air ochd fichead mile dolair an t-uisge thoirt troimh nan sràidean ùra agus dh’ ionnsuidh nan taighean ùra chaidh a thogail o chionn bliadhna. Chaidh duine dubh a losgadh gu bas ann an staid Tennessee Di-donaich s’a chaidh an lathair sia mile sluaigh. B’ ann air son mort a chuireadh crioch air; dh’ aidich e a chionta, agus chaidh e ’n coinneamh a bhàis gun fhiamh no coltas eagail a nochdadh. Mar sin cha dug e riarachadh còir sam bith do’n t-sluagh, a bha cruinn air son fhaicinn an dòruinn. Nach math an gnothuch nach ann an Africa Dheas no an cearna sam bith de’n Impireachd Bhreatunnaich a thachair so. Bhiodh e ’na ghnothuch uamhasach ann an sealladh cuid de na paipearan Geancach, agus cha chluinneamaid am facal mu dheireadh mu dheidhinn gu ceann iomadh bliadhna. Agus na’n tachradh a leithid ann am fearann sam bith a tha fo chrun na Spainne, bhiodh iad air son na Staidean a dhol a chogadh rithe. A reir nam paipearan sin cha’n eil e idir cho olc no cho aingidh a bhi losgadh dhaoine dubha anns na Staidean ’sa tha e bhi losgadh shaibhlean ann an Africa mu Dheas. Tha duine thainig dhachaidh as an Yukon o chionn ghoirid ag innse dhuinn gu robh baile Dawson, fhad ’sa bha esan ann, ’na àite gle shitheil,—na bu shitheile ’s na bu shaoire o mhi-riaghailt, na bharail-san, na bha baile Shidni ’san da bhliadhna chaidh seachad. Bha ceud maor-marcachd anns a bhaile, a’ cumail sùil gheur air gach duine ’s àite air am biodh coltas mi-riaghailt. Duine dheanadh coire, cha robh dhol as aige, oir cha robh ach aon rathad air falbh as an dùthaich, agus bha sin air a gheard. Rinneadh mort ann air a gheamhradh s’a chaidh, agus chosg an riaghladh ceud mile dolair a lorgachadh am mach a’ mhortair; ach fuaireadh e mu deireadh thall, agus chaidh a chrochadh. Ann an Cape Nome, air fearann nan Staidean, cha robh riaghailt còir sam bith air a chumail air an t-sluagh a chruinnich ann, agus mar bu trice cha robh beatha dhaoine sàbhailt ann. Cha’n fhada ’n ùine gus am bi an t-òr a’ fàs gu math gann anns an Yukon; tha na h-àiteachan a’s fhearr air ruith a mach cheana, agus cha’n eil a nise gun obrachadh ach na h-àiteachan air nach robh luach sam bith air a chur an toiseach. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 70] [Vol. 10. No. 9. p. 6] Iain Ban Taillear agus “Bun-Lochabar.” LE EIONN. NUAIR a bha “Bun-Lochabar” na “Dhonnacha òg,” bha e na mhinistear ’san Eaglais Ghaidhealaich ann an aon de bhailtean mora na Galldachd. Bha duineachan gleusda pongail anns a’ cho-thional d’am b’ainm Iain-bàn-Tàilleir. Bha Iain na dheagh thàilleir, ach bha ceum mor crubaiche ann. Sàbaid a bha sin bha am ministear a’ searmonachadh air an oidhche a bha Iacob a’ gleachd ris an aingeal “gu bristeadh na faire.” Chuir e’n gnothach cho riochdail mu choinneamh a cho-thionail gun robh daoine ag eisdeachd le’m beul fosgailte ris a’ mhinistear a cur an ceill mu ’n ghleachd a bh’aig Iacob agus aig an aingeal. “Bha Iacob,” ars’ am ministear, “na dhuine dan, dannara; fhuair e greim air an aingeal ’s cha leigeadh e as, gus am beannaicheadh an t-aingeal e. Tha mi creidsinn nach robh an droch-fheum aig Iacob air a bheannachadh, oir cha robh ann ach gille nan car riamh.’Se bh’ ann gun deachaidh e fhein ’s an t-aingeal gu car-ghleachd agus lean iad air gu bristeadh na faire. An darna h-uair ’se Iacob a bhiodh an uachdar agus an uair eile bhiodh a dhruim ri lar. Mu dheireadh bha an t-aingeal a fas seachd sgith de ’n amhlaireachd so, agus ars’ esan ris fhein, ‘bheir mise achmhasan da an drasd nach di-chuimhnich e fhad ’s a’s beo e’. Dhluthaich Iacob ris an aingeal a rithisd; chas e ’fhiaclan’s dh’fheuch e ris a chas-bhacaig a chur air, ach mu’n abradh tu seachd bhean an t-aingeal do bhac-easguid Iacoib agus bha e cho crubach ri Iain-bàn-Tàillear.” Cha robh duine anns an Eaglais nach do thuig de cho crubach ’s a bha Iacob, ach cha do chord an gnothuch idir ri Iain-bàn-Tàillear, oir thug e’n aire gu’n robh gach suil ’sa cho-thional a coimhead air aig an aon am. An deigh do ’n t-searmoin a bhi seachad dh’ fheith Iain-bàn-Taillear air dheireadh air cach a bhruidhinn ris a’ mhinistear a chionn de dhanadas a bhi aig ’ainm-san a thoirt an diamhanas. “De tha thu ’g radh Iain?” ars’ am ministear, “’s ann a bu choir moit a bhi ort gu ’n robh e ’n am chomas feum a dheanamh dhiot ann a bhi mineachadh nan Sgriobtur; cha ’n ann a h-uile latha a bhios tu air d’ ainmeachadù le cuideachd cho urramach.” Chuir so saod air Iain, agus chaidh e dhachaidh lan thoilichte. Ag Itheadh na Cruaiche fo ’Crios. Dh’ eirich an sean fhacal so o ’n chleachdadh a bha agus a tha cumanta ’san duthaich, ’s e sin, a bhith ’toirt sguaban á taobh na cruaiche an uair a thachradh nach biodh uine arm gus a bristeadh, agus earrann dhith a chur do ’n t-sabhal. Ged a bhiodh a’ chruach na seasamh cha bhiodh tail innte idir, agus an uair a chuirteadh do ’n t-sabhal i cha seasadh i fada. Tha na briathran mar an ceudna a’ dearbhadh dhuinn gur fhad’ o’n a chaidh am facal a radh. Cha ’n ’eil fhios am bheil a’ bheag an diugh beo do ’n aithne cruach-chriosach a dheanamh. B’ iad na cruachan-criosach na ceud chruachan air am bheil iomradh againn. Tha ceud bliadhna, no corr, o’n a sguireadh dhe’n deanamh, agus o thoisicheadh air deanamh nan cruachan-sreathach. Cha ’n fhaicear na cruachan-sreathach fhein a nis. Tha h-uile neach air sgur dhe ’n deanamh o’n a dh’ ionnsuich iad na cruachan-tubhaidh—no mar a theirteadh—na cruachan-Gallda, ’dheanamh. Tha ’n gnath-fhocal so, ma ta, a’ comharrachadh a mach dhuinn ni a tha tuilleadh ’s a’ choir cumanta, ’s e sin a bhith ’g itheadh agus ag ol an airgid mu’n coisnear e. Tha iomadh seirbhiseach agus searbhanta ann a tha ’togail an tuarasdail mu ’n coisinn iad e; tha tuathanaich bheaga agus mhòra ann a dh’ ith roimhe so cuid dhe ’n stoc a th’ aca air an fhearann; tha marsantan ann a dh’ ith a’ bhuannachd nach d’ rinn iad fathast; tha iasgairean ann a dh’ ith an t-iasg nach do mharbh iad fhathast; agus faodar a ràdh gu bheil mòran sluaigh anns gach àite a tha ’deanamh a’ cheart ni. Tha ’n dòigh so, ma ta, a’ cur call, anabarrach mòr air daoine. Cha’n fhaigh neach sam bith air aghaidh anns an t-saoghal fad ’s a bhios e leantuinn air an obair so. An Obair ’na h-Am. Tha ’n duine a’s glice bha riamh air an t-saoghal ag radh gu bheil am ann air son gach ni fo’n ghrein. O’n a tha so sgriobhta anns a’ Bhiobull is ainneamh neach a ghabhas air fhein a dhanadas a radh nach eil e fior, ach tha moran ann a tha nochdadh gu soilleir le ’n caitheamh beatha, agus le’n giulan nach eil iad a toirt creideis no geill sam bith do bhriathran an duine ghlic. Is ainneamh leo car oibre a dheanamh aig an am cheart. Tha da dhoigh ann air am faod muinntir a dhol cearr anns an ni so. Faodaidh iad teannadh ris an obair roimh ’n am cheart ’s faodaidh iad gun teannadh rithe gus an teid e thar an ama. Mar is trice tha sinn a dol cearr ann a bhi leigeil leis an obair a dhol thar an ama. Uair is uair tha cion na foighidinn a’ toirt oirnn ar lamh a chur san obair tuilleadh is trath. Ma bheir sinn a chùis fa near gu ceart, chi sinn gu bheil sinn a deanamh dolaidh ro mhor, aig iomadh àm, araon dhuinn fhein ’s do mhuinntir eile le bhith deanamh obair sam bith a th’ againn ri dheanamh aig an am chearr. Tha fhios againn am fear nach cuir san earrach nach buain e san fhoghar; agus mar an ceudna gu ’m bi a’ bhuain a reir na curachd. Their sinn uile gur e’n t earrach am na curachd mar is e ’m foghar am na buana. Cha bhiodh ann ach amaideas mhor teannadh ri sìol a chur anns an fhoghar. Cha chuala sin gu robh MAC-TALLA AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1.00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1.52 DO BHREATUNN, DO NEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE. CEUD mile furain agus failt’ Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh! ’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas O bhliadhn’ gu bliadhn’ An gliocas, tuigse, tur is ceill; An eolas air gach ni fo’n ghrein; Am meas, an cliu ’s am moran speis, An ear ’s an iar. Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis; ’S a bhuadhan co ni chur an geill Le peann ’s le guth? An t-armunn maiseach, uasal, grinn, A choisinn cliu le luaths a phinn Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir ’S an cluinnteadh ’ghuth. Mo mhile beannachd aig an dream A tha ’toirt aoidheachd dha gach am, ’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall, An am an fheum’: Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar, A choisinn cliu is buaidh ’s na blair, A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath ’S gach ait’ fo ’n ghrein. —Bodachan a’ Gharaidh. THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN. “Cho Gaidhealach ri Fad Moine.” [TD 71] [Vol. 10. No. 9. p. 7] neach riamh ann a bha cho amaideach ’s gu ’n d’ fheuch e ri leithid so de ni a dheanamh. Chuala sinn gu math tric a bhith coimeas àm na h-oige ris an earrach. Is ’e am na h-oige an t-am a’s freagarraiche air son gach ceard fhoghlum. Cuirear a’ chlann do ’n sgoil an uair a tha iad og, agus tha fhios aig gach aon gu bheil e ro fhurasda ni sam bith fhoghlum an uair a tha muinntir òg. Mar a tha ’n sean fhacal ag radh— “Is e ’n t-ionnsachadh òg A ni fòghlum gun taing.” Is ann an am na h-oige a ’s coir a bhith ’g ionnsachadh modha. “Ge b’e nach ionnsaichear ris a’ ghlun cha ’n ionnsaichear ris an uilinn.” B’ ann ainneamh a thionndaidh na beadagain bhalach a bha mi-mhodhail, luath bheulach, nan oige, gu bhith ’nan daoine coire, modhail iomchuidh, ’nan sean aois. Tha e furasda gu leor na meanglain a th’air a’ chraoibh a lubadh fhad ’s a tha iad og, maoth, ach mar a tha ’n sean fhacal ag radh, “An car ’bhios anns an t-seana mhaide is deacair a thoirt as.” Thuig iad am Bodach. Dh’ iarr Seumas Leagara á Cadaldan air Iain Ban Saor ùrlar-bualaidh a dheanadh dha, a toirt dha an tomhais gu ruig an òirleach, agus gu ’n cuireadh e a mhac leis a chairt ga iarraidh aig deireadh a mhios. Rinn an saor an t-ùrlar-bualaidh mar a chaidh òrdachadh, agus bha e aige deas glan na sheasamh taobh an doruis a feitheamh gus an tigeadh iad air a shon. Latha bha sin thainig Seumas òg á Cadaldan leis a chairt agus uair a chunnaic e’n t-ùrlar-bualaidh thug e suil gheur air agus chrath e’cheann. “De tha ceàrr air?” arsa Iain Ban Saor, ’se bruidhinn ri Seumas òg. “Cha’n ’eil dad ceàrr air an ùrlar-bhualaidh, ach gu bheil eagal mor orm nach teid e stigh air dorus an t-sabhuil againne.” “Ma ta,” arsa Iain Ban, “tha e a réir an tomhais a fhuair mise o d’ athair, agus tha mi cinnteach gu ’m b’ fhearr leis stuaidh an t-sabhuil a leagail na aideachadh gu ’n tug e seachd an tomhas cearr.” “A chiall,” arsa Seumas og, “nach sibh a thuig m’ athair!” Na Seangain agus na Cuileagan. Ann an oisinn garaidh tuathanaich bha dun sheangan. Air feadh an t-samhraidh bha iad ro-dhichiollach o mhoch gu h-anmoch, a’ tarruing bidh a dh’ ionnsuidh an dunain. Dluth dhoibh bha leabadh phlurain far am bu ghnathach le aireamh mhor de chuileagaibh bhi ri cluich agus ri mire, ’nuair a bhiodh iad ag itealaich o aon diubh gu h-aon eile. Bha mac aig an tuathanach a chleachd bhi toirt fa’ near giulan nan creutairean so. Bha iongantas air gu ’n robh dealachadh co mor eadar an doigh anns an robh na seangain agus na cuileagan a’ teachd beo; agus air dha bhi ro og agus air bheag eolais, labhair e aon la ri ’athair air an doigh so, “Am feud creutair air bith bhi cho baoth ris na seanganaibh so? Re an la tha iad ag oibreachadh gu goirt, an aite bhi ri cluich agus a’ gabhail suaimhneis dhoibh fein mar na cuileagan, a ta, a reir coslais, ni ’s sona na creutair air bith eile fo ’n ghrein.” Ann an uine ghoirid an deigh dha so a labhairt, dh’ fhas an aimsir fuar. Is gann a bha a’ ghrian a’ dealradh air feadh an la, agus bha reodha agus fuachd an cois na h-oidhche. Air do ’n oganach cheudna bhi ’g imeachd sa gharadh cha ’n fhac e aon do na seaganaibh, ach chunnaic e na cuileagan ’nan luidhe an so agus an sud,—cuid diubh cheana marbh, agus cuid eile air ti bhi marbh. Air dha bhi teo-chridheadh ghabh e truas do na euileagaibh, agus dh’ fheoraich e ciod bu dol do na seanganaibh a chunnaic e san aite cheudna. Fhreagair ’athair e, “Tha na cuileagan marbh, do bhrigh gu ’n robh iad gun churam, agus nach do thaisg iad lon daibh fein fa chomhair an fhuachd; ach tha na seangain, a bha dichiollach air feadh an t-samhraidh, agus a thaisg suas lon doibh fein fa chomhair aire, beo agus slan, agus chi thu iad a’ ris co luath ’sa thig aiteamh agus blathas.” Na Gillean Buidhe. Bha Eoghan Buidhe Mac Calum ’s a bhrathair, Domhnull, a’ seoladh gàbart mor, a bha coltach ri bean an tàilleir chrùbaich, gun chumadh gun eireachdas? Bha i eadar an dithist,—leth mur leth, agus cha do shocraich iad riamh co dhiu bu sgiobair—a dh’ innseadh na fìrinn ’n uair a chuireadh na bodaich am mach air a chéile, ’s bha iad, le chéile, gu math cas ’s an nàdur—’s tric a thog a cheart cheisd se,—co bu sgiobair—dranndan eadar an dithist. Crosda ’s mar bha na bodaich bha fios aca gu math nach biodh ann ach a ghòraich dhaibh cuir a mach air a cheile; gu ’n robh aca ri seòladh còmhla ’sa ghàbard. ’N uair thigeadh facail eadar an dithist ’s a bha e brath tighinn gu aoncheann theireadh Eoghan ri Domhnull, “Ma tha thu ’s a bheachd gur tu a’s feàrr na mise leum a stigh do ’n bhata, ’s feuchaidh sinn có a’s laidire.” Leumadh an da bhodach a stigh anns a’ bhata bheag, shuideadh iad air aon tota agus ghlacadh iad ramh an t aon ’s dh’ fheuchadh iad có chuireadh mu ’n cuairt am bata. Theagamh gun robh iad mile o thir—’s an darna fear cho diorasach ris an fhear eile—mu ’n tigeadh iad gu tùr agus an sin theireadh an darna fear, “Nach sinn an da bhuraidh ag iomram cho fada o thir, tillidh sinn,” agus fhreagradh an fear eile, “Tha thu ceart, is fhada o’n a chaidh “sliochd an tri ficheadh burraidh” a radh ris na daoine d’am buin sin—agus so dithist dhiu co dhiu.” An sin thilleadh na bodaich cho simplidh ri cù is earball na ghobhal, is bhitheadh iad reidh gus an ath uair. Mo chreach tha iad led cheile ’n grunnd a chuain! chaidh iad fein ’s gàbart dubh fodha aig Maol chin-tire oidhche dhorcha gheamhraidh. An cuid de Pharas dhaibh!—Fionn. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM-CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Sidni, C. B. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 72] [Vol. 10. No. 9. p. 8] Latha ’Siubhal Sleibhe. LE LACHUNN MAC FHIONGHAIN. Marbhaisg ort, a mhulaid, Nach do dh’ fhuirich thu nochd uam, ’S nach do leig thu cadal domh, ’S an oidhche fada, fuar, Ma ’s ann a dh’ iarraidh cunntais orm, A lunn thu air mo shuain, Bheir mise greis an dràsda dhut Air àireamh na tha bh’ uat. Latha ’siubhal sléibhe dhomh, ’S mi falbh leam féin gu dlù, A chuideachd anns an astar sin Air gunna glaic a’s cù, Gun thachair clann rium anns a’ ghleann A’ gal gu fann chion iùil: Air leam gur h-iad a b’ àillidh dreach A chunnacas riamh le m’ shùil. Gu’m b’ioghnadh leam mar thàrladh dhaibh Am fàsach fad air chùl, Coimeas luchd an aghaidhean Gu ’n tagha de cheann iùil; Air beannachadh neo-fhiata dhomh, Gu ’n d’ fhiaraich mi—“Co sùd?” ’S fhreagair iad gu cianail mi Am briathraibh mìne, ciùin:— “Iochd, a’s Gradh, a’s Fiùghantas, ’Nar triùir gur h-e ar n-ainm, Clann nan uaislean cùramach, A choisinn cliù ’s gach ball; ’Nuair phàigh an fhéile cìs d’ an Eug, ’S a chaidh i-féin air chall, ’Na thiomnadh dh’ fhag ar n-athair sinn Aig mathaibh Innse-Gall. “Tormod fial an t-sùgraidh, Nach d’ fhàs m’a chuinneadh cruaidh, A bha gu fearail, fiùghantach, ’S a chum a dhùthchas suas; ’S ann air a bha ar taghaich, O’n thugadh Iain bh’ uainn, ’S beag m’ fharmad ris na feumaich O’n a bheum na cluig gu truagh! “Bha ’n duin’ ud ro fhlathasach, ’S e mathasach le ceill, Bha e gu fial, fiùghantach, ’S a ghiulan math ’ga reir; Ge farsuinn eadar Arcamh, Cathair Ghlascho ’s Baile-Bhòid, Cha d’ fhuaras riamh oid-altrum ann, Cho pailt ri teach Mhic-Leòid. “Chaidh sinn do Dhun-bheagain A’s cha d’ iarr sinn cead ’na thùr, Fhuair sinn fàilte shuilbheara, Le furbailt a’s le mùirn: Gu ’n ghlac e sinn le acarachd, Mar dhaltachan ’nar triùir, A’s thogadh e gach neach againn Gu macant’ air a ghlùin. “Fhuair sinn greis ’gar n-àrach Aig Mac-Leòid a bha ’san Dùn, Greis eile gle shaibheir Aig a bhrathair bha ’n Dun-Tuilm.” Sin ’nuair labhair Fiùghantas, Dalt ùiseil Dhomhnuill ghuirm:— “Bu tric leat a bhi sùgradh ruinn, ’S cha b’ fhasan ùr dhuinn cuirm. “’N àm eiridh dhuinn neo-airtneulach, ’S biadh maidne dhol air bòrd, Gheibhte gach ni riaghailteach, Bu mhiannach leat ga d’ chòir; Cha d’ chuir thu duil am prìobairtich, Cha b’ fhiach leat ach ni mòr; Bu chleachdadh air do dhìtheid dhut Glain’ fhiona mar ri ceòl. “Am fear a bh’ air a Chomraich Bu chall soilleir dhuinn a bhàs, Ann an cuislibh diulanais, Cha b’ iùdmhail e ’measg chàich; Làmh sgapaidh òir a’s airgeid e, Gu ’n dearmad air luchd dhàn, A’s mhionnaicheadh na clàrsairean Nach e bu tàire lamh. “Thug sinn ruaig gu ’n sòradh Gu Mac-Coinnich mor nan cuach, B’e ’n duin’ iochdmhor, teò-chridheach, ’S bu leoghannt e air sluagh, Bha urram uaisl’ a’s ceannais aig’ Air fearaibh an taobh Tuath; Cha chuirt’ as geall a chailleadh e Ge d’ fhalaich oirnn e ’n uaigh! “O’n rinn an uaigh ’ur glasadh orm, ’S nach faic mi sibh le ’m shùil, ’S cumhach, cianail, craiteach mi, ’S neo-ardanach mo shùrd, ’S mi cuimhneachadh nam braithrean sin A b’ àillidh dreach a’s gnùis, Gur tric a chum sibh coinnidh rium Aig Coinneach anns a’ Chùil. “Ailpeanaich mhath chiar-dhuibh ’Gam bu dùthchas riabh an Srath, D’an tigeadh airm gu sgiamhach, Ge bu riabhach leinn do dhath, Bu lamh a dheanamh fiadhaich thu, Gu ’n dial bu bhiatach math, ’S a nise bho na thriall thu bh’uain, Cha ’n iarrar sinn a staigh. “Bu chuimir glan do chalpannan, Fo shliasaid dhealbhaich thruim, ’S math thigeadh breacan cuachach ort, Mu ’n cuairt an fhéile chruinn, ’S ro mhath a thigeadh claidheamh dhut, Sgiath laghach nam ball grinn, Cha robh cron am fradharc ort, ’Thaobh t-aghaidh ’s cùl do chinn. “’N àm togail màil do dhùthchannan, ‘S ga ’n dlùthachadh riut féin, Bhi’dhmaid air ’nar stiubhartan, ’S ’nar triuir gu ’m bi’dhmaid réidh. Cha do thog sinn riabh bò Shamhna dhut, No Bealltainn cha b’e ’r beus, Cha mhò thug òich air tuathanaich, Bu mhò do thruas ri fheum.” Bha ’n duin’ ud na charaid dhomh, ’S cha chàr dhomh ’chliu a sheinn, Mas can càch gur masgall e, Leig tharais e na thìm; Do bhàs a dh’ fhàg mi muladach, ’S ann chluinnear e ’s gach tìr, Cha b’ ioghnadh mi ga t-ionndrainn An àm cunntais thoirt ’s an t-suim. ’S mi smaointeach air na saoidhean sin, ’S a bhi ga ’n caoidh gu truagh, ’S amhuil gheibh mi bhuinig ann, Bhi taghaich air luirg fhuair; An taobh a chaidh iad tharais, ’S ann tha dachaidh uil’ an t-sluaigh: Dh’ eug Iannraic priunnsa Shasuinn, ‘S cha dùisg e gu là-luain! Rugadh Lachunnn Mac Fhionghain (Lachunn Mac Thearlaich Oig) anns an t-Strath, ’san Eilean Sgiathanach. Rinn e an t-òran briagha so an deigh bàs cuid dh’a chàirdean. Tha e gle choltach fhad ’sa bha iad sin beo, agus e-fhéin ann an suidheachadh math, gu robh e glé mheasail aig moran de dh’ uaislean na Gàidhealtachd; ach cho luath ’sa dh’ eug a chàirdean, agus a fhuair e e-fhéin ann an droch shuidheachadh, chunnaic e nach robh na h-uaislean sin cho bàigheil ris ’sa bha iad, mar is minic a thachair ’nuair a thig a bhochdain ’s gach mi-fhortan a tha ceangailte ris air an duine. Air aon oidhche Nollaig chaidh e air chuairt gu caisteal Dhunbheagain, far an robh uaislean na dùthcha air cruinneachadh, agus cha ’n e mhàin nach leigteadh a stigh e, ach thionndaidheadh air falbh e, as an àite, anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh, san d’ fhuair e-fhéin ’s athraichean cuireadh fialaidh. Dh’ fhàg e an t-àite ’sa mhionaid, agus thill e dhachaidh dha ’n t-Strath, Air an rathad dhachaidh choinnich e, neo shaoil leis gu ’n do choinnich e, Iochd, Gràdh, a’s Fiùghantas, fògraich mar a bha e-fhéin o chùirtean nan daoin’-uaisle, agus iad a’ gearan gu goirt air mar a thachair dhaibh fhéin anns na h-àiteachan sam b’ àbhaist dhaibh a bhi a riaghladh. Nuair a rainig am bàrd a dhachaidh chaidh e dha ’n leabaidh, ma dh’ fhaodte gun a shuipeir, agus ann an sin rinn e an t-òran briagha so. Dh’ eug Mac Fhionghain ’na sheann duine, agus thiodhlaiceadh e maille ri athraichean anns an t-Srath. Cho fad ’s gu ruith am madadh-ruadh, beirear air mu dheireadh. Faodaidh an t-olc a dhol gu math fad air aghaidh, ach thig e gu follais air a ’cheann mu dheireadh. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ceannachd Posta. Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu...... Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 73] [Vol. 10. No. 10. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 6, 1901. No. 10. Facal do na Nigheannan Oga. LITIR VI. DH’ AINMICH mi cheana da ni bu choir a bhith anns gach nighinn oig, ’se sin, diadhachd, agus glaine. Bheir mi nis iomradh air da ni eile, ’s e sin, a bhith deanadach, agus an aire mhath a thoirt do gach ni a bhios iad a’ laimhseachadh. Thugamaid fa near mar a sgriobh an duine bu ghlice bha riamh air an t-saoghal mu ’n deagh mhnaoi. “Co a gheibh bean shubhailceach? Oir tha a luach mor os ceann chlach uasal. Earbaidh cridhe ’fir aisde, agus cha bhi feum aige air croich. Iocaidh i math dha, ’s cha’n e olc, re uile laithean a beatha. Iarraidh i olainn agus lion, agus oibrichidh i gu toilleach le a lamhan. Tha i mar longaibh nan ceannaichean, bheir i a biadh o thir chein. Eiridh i mar an ceudna an uair is i an oidhche a tha fhathast ann, agus bheir i lon d’ a teaghlach, agus cuibhrionn d’a maighdeannaibh. Measaidh i achadh, agus ceannaichidh i e: le toradh a lamh suidhichidh i fion-lios. Crioslaichidh i a leasraidh le neart, agus neartaichidh i a gairdeannan. Mothaichidh i gu bheil a ceannachd math. Cha teid a coinneal as ’s an oidhche. Cuiridh i a lamhan air an dealgan, agus gabhaidh glacan a lamh greim de’n chuigeal. Fosglaidh i a glac do ’n truaghan, agus sinidh i a lamhan do ’n fheumach. Cha ’n ’eil eagal oirre roimh ’n t-sneachd air son a teaghlaich; oir tha a teaghlach uile air an eideadh le scarlaid. Ni i dhi fein trusgain do obair ghreis; do shioda agus de chorcur tha a h-eudach. Aithnichear anns na geataibh a fear, an uair a shuidheas o maille ri seanairibh na tire. Ni i lion-eudach grinn, agus reicidh i e, agus bheir i criosan do’n cheannaiche. Neart agus urram is eudach dhi; agus ni i gairdeachas ’s an am ri teachd. Fosglaidh i a beul le gliocas, agus tha lagh a’ chaoimhneis air a teangaidh. Bheir i an aire do shlighibh a teaghlaich, agus cha ’n ith i aran an diomhanais. Eiridh a clann agus beannaichidh iad i, a fear agus molaidh e i. Rinn moran nigheann gu subhailceach, ach thug thusa barrachd orra uile. Is mealltach deagh-ghean, agus is diomhain maise; ach bean air am bi eagal an Tighearna, is ise a mholar. Thugaibh dhi de thoradh a lamh, agus moladh a h-oibre fein anns na geataibh i.”—Gnath-fhacail xxxi., 10-31. Bu choir do gach nighinn oig ’s an tir na briathran so a ghabhail gu cridhe. Tha eagal mor orm gu bheil araon mnathan agus fir gle chaoin-shuarach mu na briathran cudthromach a th’ ann an leabhar nan Gnath-fhacal. Cha ’n ’eil moran meas aig a chuid mhoir de’n oigridh air a’ Bhiobull idir. Neo-ar-thainig nach caith cuid diubh gu leor de’n uine a leughadh nam paipeirean-naigheachd, agus nan leabhraichean ris an can iad fhein novels no mar a their sinn anns a’ Ghailig, ursgeulan. Ged a tha cuid de na leabhraichean so o ’m faodar moran gliocais fhoghlum, tha cuid eile dhiubh anns nach ’eil math sam bith. Is coir do na h-uile a bhith leughadh phaipeirean measail, agus leabhraichean matha, ach os cionn gach ni deanadh iad an obair a’s coir dhaibh a deanamh. Tha am gu leughadh agus am gu obair ann. Their cuid, “Am bheil sibh ag iarraidh air mo chuid nigheann-sa a bhith sniomh ’s a’ cardadh mar a bha ’n seanamhair? Gnothuch gun tùr! Tha iad os cionn a bhith ’deanamh a leithid sin a dh’obair shalaich. Ubh, ubh! nach sibh a chaill ur mothachadh. ’S ann a th’ anns na nigheannan agamsa lan ladies Cluichidh iad air piano, agus seinnidh iad orain a chuireadh na h-eoin air chrannaibh.” Tha sin gle mhath ann fhein, ach ’s i cheisd am figh iad stocainn? an atharraich iad an cota-meadhon? an caraich iad leine? an aithne dhaibh an toll a thig air an stocainn a charadh? an aithne dhaibh putan a chur ann am broilleach, no ann an collair, no ann am bann-duirn leine? an aithne dhaibh leine a stuthaigeadh is iarunnachadh? an aithne dhaibh aran fhuinne? an aithne dhaibh mart a bhleodhan, na miosan a nighe, ìm is caise dheanamh? Mur aithne dhaibh na nithean so a dheanamh na biodh iad idir ag iarraidh gu posadh. Ma bhios iad cho math suidheachadh ’s nach ruig iad a leas an lamh a chur ann an aon de na nithean a dh’ ainmich mi, cha mhisd iad fios a bhith aca cia mar is coir do’n mhuinntir a bhios ’nan seirbhis na nithean so a dheanamh. Co ach iadsan! An uair a theid neach do ’n taigh ma bhios car idir nan laimh ’s e obair ris an can iad fhein, crewel work—ar neo croisigeadh. Da rireadh, b’ e ’n ceann croiseil an gille bochd a gheibh te dhiubh ri posadh. Faigh dhomhsa a’ nigheann thapaidh sin a dh’ eireas moch ’s a’ mhaduinn, agus nach toir da mhionaid air cur uimpe, a thogas an teine ann an tiotadh, a dh’ fhuineas an t-aran, a bhleodhnas an crodh, a ni ’n t-im ’s an caise, a nigheas agus a chaireas stocainn, agus, a dh’ aon fhacal, a ni, gu sunndach, a h-uile car a thig ’na rathad, agus theid mi ’n urras nach bi aithreachas air an fhear a gheibh i. Tha iomadh te ann a ni obair gu leor, ach nach toir idir an aire do’n cuid an deigh dhaibh saoithreachadh gu goirt air a shon. Gus a bhi mor, ma ’s fhior, caithidh iad moran a bharrachd air na ruigeadh iad a leas. ’S math is aithne dhaibh coillean a deanamh, ach cha ’n fhad a mhaireas iad o’n a bhios iad a’ gabhail as gach ceann. Ni iad mi-buil air iomadh ni, agus an sin bithidh iad ag radh gur e mi-fhortan a dh’ fhag bochd iad. Cha seas aodach no caiseart a bheag a dh’ uine dhaibh, do bhrigh nach aithne dhaibh an aire thoirt dhaibh. Cha bhi guth no iomradh aca gur ann ’na bheul a tha caomhnadh a’ phocain. “Fhad ’sa mhaireas maireadh.” So a’ chreud aca: “Latha air mhisg is latha air uisg.” Cha ’n ’eil cuimhne aca gur e “sgilinn a chaomhnadh sgilinn a chosnadh.” Ged a dh’ fhuasgladh greim ’nan aodach cha bhi guth aca air fhuaigheal. Cha dian iad buil air biadh air eagal gu’n can duine gu bheil iad mosach, spiocach. Tha facal Dhe a’ teagasg dhaibh buil a deanamh air a’ bhiadh. An uair a mheudaich Iosa na coig arain cho mor gu’n do shasaicheadh corr is coig mile, nochd e a chumhachd, ach aig a’ cheart am thug e aithne do ’na deisciobuil am biadh briste ’chruinneachadh a chum nach biodh ni sam bith air a chall. Nach ’eil so a’ teagasg gu soilleir dhuinn gur coir dhuinn a bhith gle churamach mu gach ni a’ gheibh sinn ri ’laimhseachadh. Ma bhios neach a’ cruinneachadh leis an aon laimh, agus a sgapadh leis an laimh eile, nach ’eil e ’ga chur fhein gu mor-dhragh gun dad air a shon. Mar a thuirt an sean-fhacal; “Coisinn mar is urrainn duit ’s na cosg ach mar is eiginn duit.” So sean-fhacal eile— “’S e ’m buileachadh a ni ’n cruinneachadh; ’S e ’n cruinneachadh a ni na sguaban; ’S iad na sguaban a ni na h-adagan; ’S iad na h-adagan a ni na cruachan.” Mur bi rian air gnothuch duine cha’n fhada sheasas e ’chasan. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh— “Ciall a thogas teine: Rian a chumas baile.” Chi sinn o na briathran so, cho mhath ’s gu bheil saothair agus obair, nach dean iad an gnothuch mur bi ciall agus rian maille riutha. Feumaidh an long mu ’n dean i seoladh gu ceart cha ’n e mhain croinn is siuil, ach mar an ceudna stiuir is compaiste, agus deagh stiuramaiche. Mar tha ’n stiuir ’s an compaiste do’n luing tha ciall ’s rian do ’n mhnaoi. Ionnsaicheadh na nigheannan òga an aire mhath a thoirt do gach ni a bhuineas dhaibh. An te nach toir an aire mhath d’a h-aodach ’s d’ a caiseart, ’s do gach ni a gheibh i ri ’laimhseachadh ann an taigh a’ h-athar, cha ruigear a leas duil a bhith gu’n toir i an aire mhath do ghnothuch a taighe fhein an uair a phosas i. A nigheanan oga, an tus ur laithean thugaibh an aire gu’n ionnsuich sibh mar is coir dhuibh ’ur n-obair a dheanamh agus ’ur taighean a riaghladh an uair a phosas sibh. Is mi bhur dearbh charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XV. A BHEIL sibh réidh a nis, ’Aonghais?” arsa Calum, ’s e gabhail fadachd, o nach robh e ’tuigsinn a bheag dhe na bha iad ag ràdh, oir bu toigh le Calum facal a bhith aige ’n cuideachd daonnan. Mu ’n do thàrr e na briathran a ràdh, leum duine mòr, bàn a nall á measg nam Frangach, ’s rug e air dha laimh air Calum, ag ràdh, “A charaid mo ghràidh! an e gur e Gàilig a labhair thu ’sid? Tha mo theanga-sa air meirgeadh leis an ùine o nach do labhair mi i! Nach e am fortan mor a chuir an rathad mi!” “An creid mi mo chluasan!” arsa Calum; “a bheil am Frangach air tionndadh na Leodhasach! Mur a bheil mi air mo mhealladh, a réir do theanga, ’s ann an Leodhas a fhuair thu d’ altrum co-dhiu. Agus gu dearbh bha mi smaointean, ’s mi ag amharc ort an uair a bha mo charaid, Aonghas, a godail ris na Frangaich, nach robh thusa, le d’ fhalt buidhe ro choltach ri càch.” “Tha thu ceart, a charaid,” ars’ am fear bàn, “is Leodhasach mi gu m’ chùl, agus Leodach cuideachd; ’s ged tha iomadh bliadhna o’n a dh’ fhàg mi eilein mo ghràidh, cha do dhichuimhnich mi e-fhéin na Ghàilig fhathast, ’s cha di-chuimhnich. ’S ged a labhras mi Fraingeis agus Beurla, b’ fhearr leam aon fhacal Gàilig, a charaid, na iad uile; oir fhuair mi ’Ghàilig le gràdh o m’ mhàthair, ’s dh’ fhàs i nàdarra annam, ach càch, fhuair mi ’n iasad o choigrich fhuara, ’s [TD 74] [Vol. 10. No. 10. p. 2] ged tha iad feumail dhomh, cha ’n ’eil mi, mar gu ’m b’ eadh, ach g’ an cumail ’sa chidsin, ach a Ghàilig, cainnt mo mhàthar, tha i daonnan agam ’san t-seomar uachdrach.” “Tha mi ag aontachadh leat,” arsa Calum gu cridheil. “Thoir dhomh do lamh a rithist, a charaid. Cha ’n ’eil làmh fior Ghàidheal cho furasda ’fàsgadh, tha mi duilich a ràdh, ’sa shaoileadh neach; oir chunnaic mise spalpairean spaideil na m’ dhùthaich a chailleadh a Ghàilig na ’m faiceadh iad baile mor as an cadal.” Bha seanachas gu leor eadar na Gàidheil a nis. Cha ’n iarradh Mac Leòid sgur idir. Rinn iad suas gu ’m falbhadh iad comhla riutha, an uair a gheibheadh iad air dòigh. Fhuaras gu fortanach nach robh doimhneachd mhor sam bith ’san àite ’s na chuir na Geancaich fodha na canùaichean, agus chaidh aca air iad fhein ’s gach ni a chaill iad a thogail gun strith. Bha na béin air am pasgadh cho innleachdach ’s nach do rinneadh milleadh sam bith orra. Bha beithe geal pailt ’san àite, ’s leis an rùsg chuir iad tuthagan air a chanù, ’s an ùine ghoirid bha iad deiseil gu falbh. Bha na Geancaich toilichte gu leor fuireach comhla ris na h-Innseanaich. Dh’ aontaich càch gu ’m fàgadh iad an cuid fhéin aca dhe na béin, air son an toil a dheanamh. Tha e ri ràdh, agus tha e fìor, nach ’eil duine sam bith, cho borb ’s cho ìosal ’s gu ’n tuit e, gun sradag de mhathas an àiteigin dhe ’chom, na ’n amaiseamaid air an goillein a chur iomchuidh rithe. Dhùisg an caoimhneas a rinn na Gàidheil riutha an t-sradag mhathais a bha, a réir coltais cho fada gun bhith, anns na Geancaich, agus le car de nàire nan gnùisean ghuidh iad orra iad na béin a ghabhail bhuatha. “Dh’ fhosgail thu ar sùilean,” ars’ iadsan ri Aonghas, “le d’ bhriathran an uair a bha thu ’tagradh air son ar beatha ris na Frangaich, agus tha dòchas againn an t-slighe dhìreach a leantuinn á so suas, ’s mar sin gus am bi sinn na ’s treise ’san rùn sin, ’s fhearr a bhith ’san fhàsach fhéin, cha bhi ’m buaireadh ann cho mòr. Slàn leibh,” ars’ iadsan; “’s dòcha gun tachair sinn fhathast. Cha ’n ’eil an saoghal ach beag ged ’tha e mòr, ’s bidh dòchas againn an uair sin làmh ghlan, onarach a shìneadh dhuibh.” Le sin a ràdh thionndaidh na Geancaich air falbh, ’s bha Calum ag ràdh gu ’m fac e boinne na dha gle choltach ri deòir ri gruaidhean fir dhiubh. Thug an ceann-feadhna ’sa ghaisgich fa near feisd mhor ullachadh dhaibh ’san dealachadh. Bha e gu math duilich a dol a chall Aonghais, oir bha e air geall mor a ghabhail air; ach bha fios aige nach robh e toilichte, a tuigsinn ciamar a bhiodh e-fhéin ’na àite am measg choigreach. Mar sin, an déis gibhtean beaga ’thoirt seachad air gach taobh, leig e air falbh iad le ’bheannachd. Dh’ fhàg Aonghas dag’ aige, ’s bha e cho pròiseil (ged nach d’ fhuair e dad a chuireadh e ann) ’s ged bu leis America. Bha iad mu dheireadh thall air uchd na h-aimhne, air an t-slighe air ais dh’ an t-saoghal. Lean an t-Innseanach òg, Ni Math, iad cho dlùth ri faileas, ’s chuir e cheart uiread ioghnaidh air Mac Leòid ’s a chuir e air Calum a chluinntinn a bruidhinn Gàilig. Bha iad uile gu math inntinneach—na Frangaich anns an darna bàta, ’s na Gàidheil ’s Ni Math ’s an fhear eile, ’s fonn aca air òrain iomraidh. Bha seanachas is òrain gu leoir aig Mac Leòid, agus tagha a ghuth air son an gabhail, ’s cha b’e càch dad bu mhiosa. Thug Calum gu h-àraidh an snaim thar a phoca an lath’ ud, ’s cha do cheangail e ro theann e tuilleadh fad iomadh latha. Rainig iad mu dheireadh an amhainn mhor fhéin, ’s b’e sin i da rireadh. “Na ’m faiceadh i so,” arsa Calum, “na sruthain ris an canamaide aimhnichean uaireigin dhe ’n t-saoghal, thigeadh fiamh gàir’ oirre.” Bha iad aon latha ’dol air adhart gu sunndach, cridheil, mar bu ghnath leotha, greis ma seach ri òrain air son cur seachad na h-ùine. Tha na Frangaich mar shluagh gu nàdarra aotrom, àbhachdach, cuireadach, os cionn gach sluaigh. Tha na Gàidheil ann an dòigh na dha na aghaidh sin; co-dhiù ’se sin co-dhùnadh gun dig duine, a leughas agus a bheir breith air litreachas nan Gàidheal. Aidichidh duine sam bith gu bheil a chuid mhor dhe na h-òrain ’s dhe na sgeulachdan againn air an taobh thiamhaidh, bhrònach. Bidh so buailteach air son a leughas no dh’ éisdeas iad ’fhàgail car trom-inntinneach, ’sa bhith sealltainn tuilleadh ’us tric air an taobh dhorcha, shearbh dhe ’n bheatha. An ni dh’ fhalbhas cha ’n e dh’ fhoghnas, agus mar sin bhiodh ar beatha moran na bu thaitniche nan ionnsaicheamaid dhuinn fhìn a bhith sireadh ’s a sealltainn air an taobh shoilleir daonnan. ’S iomadh flùr searbh anns am faighear mil ma sheallas sinn air a son. Tha cùram an latha màireach agus smaointean air mi-fhortan, ’s docha nach dig na ’r rathad gu brath, a deanamh moran a bharrrachd de sgrios ’san t-saoghal na ’n galair is gabhaltaiche ’th’ ann. Ach c’àite bheil ceann snathlein mo sgeul, mu ’m faigh na cait greim air. Bha iad a dol gu reidh, na Gàidheil a bha so co-dhiu, a bha cho sunndach ris na Frangaich fhéin. Bha ’ghrian gu math teith, ’s i teannadh ris a mheadain latha. Chunnaic iad bagh beag dubharrach air thoiseach orra, agus ruith iad na canùaichean a stigh gu tir air son an dìnneir a ghabhail, agus a chuid theith dhe ’n latha ’chur seachad ann. ’Se so a rinn iad. Chaidh iad a stigh fo chraobhan a bha ’fàs ri bruaich an uisge, ’s cheangail iad an da chanù gu teann. An uair a ghabh iad am biadh, thagh gach fear àite dubharach dha fhéin—cuid ’s na canùaichean ’s cuid air tir—’san uine ghoirid bha iad nan cadal, ’s gun dad ri chluinntinn ach fuaim an uisge gu leasg a nighe nam bruach. Na ’m biodh fios aca cho dlùth ’sa bha ’n gàbhadh dhaibh, cha bhiodh iad cho cadalach, trom. Ach bha dithis nam measg aig an robh cadal a gheòidh, ’s nach robh ga ’m faighinn fhéin cho tearuinte ri càch. B’e sin Aonghas ’s an t-Innseanach òg, Ni Math. Bha Aonghas car na bu shàmhaiche na càch fad na h-ùine, ’s mar sin bha e gabhail beachd na b’ fhearr air an dùthaich a bh’ air gach taobh dhiubh. Air an latha so shaoil leis, ’s e gabhail beachd mar so, ’s iad a falbh a stigh ri bruaich na h-aimhne, gun cual’ e stàireachd uair na dha gu fàillidh ’sa choille làmh ris. Chual an t-Innseanach e cuideachd, ach cha do chuir iad uibhreachd mhor air, a smaointean gur e fiadh-bheathach lùbach a bh’ ann a sireadh a lòin. Ach ’s e bh’ ann àireamh lionmhor de dh’ Innseanaich bhorb a bha fuireach faisg air an amhainn, a thug an aire dhaibh ’sa mhaduinn, agus a lean iad gu fàillidh, gus am faigheadh iad cothrom orra nan tigeadh iad air tir. Thachair gach ni a réir am miann cho fad so. Chunnaic iad a tighinn gu tìr iad, ’s bha iad a dlùthachadh riutha mar nathraichean lùbach, gus leum orra fhad ’sa bhiodh an cothrom cho math. Bha ’n dithis a dh’ ainmicheadh car an-fhoiseal, amhrusach, ged a bha iad a feuchainn ri lamh-an-uachdair fhaighinn thairis air, ’s cho sàmhach, lùbach ’s gu ’n robh ’n nàmhaid a gluasad dh’ fhairich iad iad. Dhùisg iad càch an clisgeadh, ’s mu ’n do thàrr iad a bhi air am bonnaibh leum na h-Innseanaich a mach le glaodh eagalach, mar o aon sgornan, a cur fras shaighead rompa. Gu fortanach cha do rinn iad moran calla, leis cho tiugh ’sa bha ’choille ’bha ga ’n cuartachadh. Ann am prioba na sùl bha na h-Innseanaich nam measg, a leigeil iolach thoilichte asda, an dùil gu ’n robh gach ni mar bu mhiann. Bha iad air am mealladh. Leum an fheadhainn a bha ’s na canùaichean gu tìr a chuideachadh chàich, ’s cuaille mor beithe an laimh gach fir. Thug Iules, am fear-iùil Frangach, fa near na slachdan so ullachadh air an earalas, o’n a bha na h-airm aca gun fheum le cion fùdair, ’s thionndaidh iad a mach gu math feumail air an turus so. Bha tuaghan a’s saigheadan aig an naimhdean, a bhàrr air gu ’n robh iad ann ceathrar na còignear mu ’n aon do chàch. B’ fhearr gu mor an triùir Ghàidheal na càch uile. Cha robh slachdan Aonghais uair a tuiteam, nach robh fear ruadh ri talamh. Bha Calum e-fhéin ’s “theath ” aig’ air a h-uile buille ri ghuallain, a cur iomadh fear a bhreabadh an làir. “Bha mise,” arsa Mac Leòid, “uair eolach gu leor air bualadh bhrat anns a Ghaidhealtachd, ach cha d’ fhuair mi ’leithid an fhir so fo m’ shùiste riamh.” Bha na Frangaich iad fhéin gu math guineach, air chor ’s gun do thòisich na naimhdean ri gabhail na h-iomain chùil. Mu dheireadh thionndaidh iad ’s thug iad na buinn di, a fàgail gu leor na ’n deigh aig an robh cnamhan goirte. “Tha mi creidsinn,” ars’ Aonghas, ’s e tiormachadh ’fhalluis, “nach fhac’ iad uiread rionnagan riamh air a mheadhain-latha ’s a chunnaic iad an diugh.” Thug iad aon ruais eile ’n deigh nan daoine buidhe, a toirt chuimhneachain dhaibh ’san dealachadh. Chruinnich iad an sin aig na canùaichean, a nigheadh gach sgròbag a fhuair iad ’sa chunntais a challa. B’e Calum bu mhiosa fhuair leòn. Chaidh saighead romh chluais ’sa cheud tòiseachadh, a rinn droch tholl innte, a bha gle chràiteach, ged a bha e-fhéin a deanamh faoin a chreuchd. “’S ann a tha mi ’nan comain!” ars’ esan. “’S fhad o’n a bha toil agam mo chluasan a tholladh, far an d’ fhuair mi greim air paidhir aigileanan àluinn air an son. Thòisich mi-fhìn air an tolladh le snathaid mheirgeach, ’s dìreach an uair a fhuair mi ’n gob aice ’san àite cheart, thainig sreathart cas orm, ’s sid suas a ghabh i eadar dha lìnigeadh, ’s bha i leith latha ann mu ’n do leig mi le m’ mhàthair a toirt as. Bhreug Padra’ beag (toirmeasg a bha faisg orm) bhuam ‘na ‘rings’, mar a theireadh e-fhéin, ’s an ceann seachdain chunnaic mi iad an cluasan a leannain, Màiri ruadh a chìobair!” “Ach c’àite bheil Ni Math?” ars’ Aonghas, ’s e toirt sùil ma chuairt. Sheall iad uile mu ’n cuairt, shios ’us shuas, ach cha robh sealladh air an Innseanach òg, Ni Math. (Ri leantuinn). Domhnull Ban a’ Bhocain. BHA sinn eòlach air an Tàillear Abrach bho làithibh ar n-òige. Bha e a’ fuireach làmh ruinn. Is e Iain Domhnullach a b’ainm dha. Rugadh is thogadh e an Lochabar. Bu mhac e do Ghilleasbuig, mac Aonghais, mhic Alastair Bhàin, mhic Alastair Mhóir, mhic Aonghais a’ Bhòcain, mhic Aonghais Mhóir Bhoth-Fhiunntain, mhic Alastair, mhic Iain Duibh, mhic Raonaill Mhóir na Ceapaich. Bha e corr agus deich bliadhna fichead a dh’ aois an uair a thainig e do ’n dùthaich so. Bha cuimhne mhath aige, agus bha moran tlachd aige ann an eachdraidh nan Gàidheal. Bha e gle fhiosrach mu Dhomhnullaich na Ceapaich, agus gu sonruichte mu Shliochd an Taighe, am meur de ’n robh e-fhéin. Bha beagan de chriomagan òran aige air a theanga, ach ’s gann gu ’n robh òran sam bith aige bho cheann gu ceann. Thach- [TD 75] [Vol. 10. No. 10. p. 3] air dhuinn a bhi aig an taigh, aig ar seann dachaidh, air an darna latha deug de cheud mhios an fhoghair, ’sa bhliadhna 1885. Chuir sinn fios air an Tàillear, agus thàinig e a shealltainn oirnn am beul na h-oidhche. Dh’ iarr sinn air eachdraidh Dhomhnuill Bhàin a’ Bhòcain a thoirt duinn. Sgriobh sinn a sios i facal air an fhacal mar a thug e seachad i. ’N uair a’ bha ’n Tàillear a dol dachaidh thug sinn ceum comhladh ris. Rainig sinn glé fhaisg air an taigh leis. Bha e soilleir gu ’n robh e a dol air ais gu mór. Bha na casan lag is an anail goirid seach mar a b’ àbhaist. Cha ’n fhaca sinn tuilleadh e. Chaochail e an ceann beagan mhiosan. Bha e mu cheithir fichead bliadhna ’s a tri a dh’ aois. So agaibh, ma ta, eachdraidh Dhomhnuill Bhàin a Bhòcain, mar a thug an Tàillear dhuinne i: Bha Domhnull Bàn a’ Bhòcain a fuireach ann am Muin-Easaidh. Bu Domhnullach e de Thaigh na Ceapaich. Bha e pòsda ri bana-Ghriogaraich, a mhuinntir Raineich. Bha Domhnull Bàn ann am blàr Chuil-fhodair. An deigh a’ bhlàir bha e ’ga fhalach fhéin ann am bothan àiridh. Bha da ghunna aige, fear dhiubh làn ’s fear nach robh. Thainig cuideachd Mhic-Dhomhnaill Shléite air, agus leum e am mach troimh uinneig chùil. Thug e leis gu tubaisteach an gunna falamh. Loisg iad ’n a dheigh, ’s bhrist am peileir a chas. Thainig na saighdearan far an robh e. “Co thu?” ars’ iadsan. “Is Domhnullach mise,” ars’ esan. Thug iad leò e gu Ionar-Nis. Bha e greis ann am prìosan an sin. Bha cùirt ac’ air, ach fhuair e as. ’N uair a bha e ’sa phrìosan chunnaic e bruadar. Chunnaic e e-fhéin, Alastair mac Cholla, agus Domhnull mac Raonaill Mhóir ag òl. B’e Domhnull mac Raonaill Mhóir am fear a bha iad ag ràdh a bha da chridh’ ann. Chaidh a ghlacadh ’san Eaglais Bhric ’sa chur gu bàs an Carlisle. An deigh do Dhomhnull Bàn am bruadar fhaicinn rinn e an duanag so:— Gur h-e mise ’tha sgìth, ’S mi air leaba leam fhin, ’S iad ag raitinn nach bi mi beò. Gur h-e mise, &c. Chunnacas Alastair Bàn, Is da Dhomhnull mo ghràidh, ’S sinn ag ol nan deoch-slàint’ air bòrd. ’N uair a dhùisg mi a m’ shuain, ’S e dh’ fhàg m’ aigneadh fo ghruaim, Nach robh agam ’san uair ach sgleò. Ged a tha mi gun spréidh, Bha mi mor asam fhéin Fhad ’sa mhaireadh sibh fhéin dhomh beò. Faodaidh balach gun taing ’N diugh bhi ’raidh air mo cheann; Dh’ fhalbh mo thaice, mo chàil ’s mo threòir. Bha ’m bòcan a’ cur dragh air Domhnull Bàn. Smaointich Domhnull na ’m fàgadh e ’n taigh nach cuireadh e dragh tuilleadh air. Thug e leis a h-uile ni gu dhol air imrich ach a chliath chliata, a dh’ fhàg e aig taobh an taighe. Chunnaic an fheadhainn a bha ’falbh leis an imrich a chliath chliata a’ tighinn ’n an deigh. “Fhalbh, fhalbh,” arsa Domhnull Bàn, “ma tha a chliath chliata a’ tighinn ’n ar deigh, tha e cho math dhuinn tilleadh.” Thill e air ais far an robh e roimhe, ’s cha d’ fhalbh e riamh tuilleadh. Bha mo sheanair, Aonghas mac Alastair Bhàin, duine firinneach, onarach, oidhche ann an taigh Dhomhnuill Bhàin, agus chaidh e ’chadal ann. Rug rud air dha òrdaig a choise, agus cha ’n fhaigheadh e as na ’s mo na ged a bhitheadh e ann an gramaiche a ghobhainn. Cha ’n fhaigheadh e gluasad. ’S e ’m bòcan a bh’ ann; ach cha do rinn e dad air ach sud. Bha Raonall Abaràrdair oidhch’ an taigh Dhomhnuill Bhàin. Thubhairt Nic-Griogair, bean Dhomhnuill, ri Raonall, “Ged a bheir mi dhuibh an t-ìm an nochd air a’ bhòrd theid a shalachadh.” Thubhairt Raonall, “Theid mise thun a’ churrasain ime ’s mo bhiodag ’am dhòrn ’s a bhoineid os cionn a churrasain ’s cha shalaich e ’n nochd e.” Chaidh Raonall a sios comhla rithe ’s thug iad leo an t-ìm; ach bha e salach mar a b’ àbhaist. “Na clachan agus na caoban Cha leigeadh leis na naomhan cadal.” Chaidil Mr. Iain Mór MacDhùghaill, an sagart, oidhche no dha ann an taigh Dhomhnuill Bhàin, ach cha digeadh am bòcan an oidhche bhiodh esan ann. Bhiodh am bòcan a’ tilgeadh rud as na balachan. Bhiodh iad a’ cluinntinn nan sgianan ’gan giarachadh aig ceann leaba Dhomhnuill Bhàin. An oidhche mu dheireadh a thainig am bòcan bha e ’g innse gu ’n robh iad so ’s iad so comhla ris, spioraid eile. Thuirt a’ bhean ri Domhnull Bàn, “Shaoilinn fhìn na ’m biodh iad sin comhla ris gu ’m bruidhneadh iad ruinn.” Fhreagair am bòcan, “Cha ’n fheil comas bruidhinn aca na ’s mo na tha aig bonn do choise.” Thuirt am bòcan, “Thig am mach a’ so, a Dhomhnuill Bhàin?” “Theid,” arsa Domhnull Bàn, “agus taing do Ni Math gu ’n d’ iarr thu mi.” Bha Domhnull Bàn a’ dol am mach ’s a toirt leis na biodaige. “Fàg do bhiodag a staigh, a Dhomhnuill Bhàin,” ars’ am bòcan; “fàg do sgian a staigh, cuideachd.” Chaidh Domhnull am mach. Chaidh e-fhéin ’s am bòcan an sin troimh Acha-nan-Comhachan air feadh na h-oidhche. Chaidh iad an sin troimh uillt ’s troimh choille bheithe, mu thri mile, gus an d’ rainig iad an Fheairt. ’N uair a rainig iad sin dh’ fheuch am bòcan dha toll anns an do chuir e am falach iarunn croinn ’n uair a bha e beò. ’N uair a bha e a’ toirt nan iarunn as an toll bha da shùil a’ bhòcain a’ cur an coir do dh’ eagal air na ni eile a chuala no ’chunnaic e. ’N uair a fhuair e na h-iaruinn thill iad dhachaidh gu Muin-Easaidh, e-fhéin ’s am bòcan. Dhealaich iad an oidhche sin aig taigh Dhomhnuill Bhàin. Chaidh am bòcan an sin gu taigh tuathanaich. Bha e sìneadh a lamhan thairis air an tuathanach ’s a cur an aodaich air bean an tuathanaich. “Dé tha thu deanamh an sin?” ars’ an tuathanach. “Tha mi cur an aodaich air mo bhana-charaid.” Dh’ fhalbh am bòcan an sin ’s cha ’n fhacas riamh tuilleadh e. Bha gille aig Domhnull Bàn, Caimbeulach, a chaidh a mharbhadh an Cuilfhodair. Thug an gille so do dh’ fhear-an-taighe, uair, tuilleadh is a chòrd ri Dòmhnull Bàn. Throd Domhnull Bàn ris. Thuirt an gille ris, “Bidh mi dioghailt beò na marbh airson so.” Bha amhrus aig daoine gu ’m b’e an gille so am bòcan, ach cha d’ innis Domhnull Bàn co a bh’ ann. Theab an sluagh Domhnull Bàn a chreach a’ dol a shealltainn air. Bha da mhac aige, Aonghas Ruadh Chraineachain agus Domhnull Bàn. B’e Domhnull Bàn Marsanta, a bha ’san dùthaich so, mac Alastair, mhic Dhomhnuill Bhàin, mhic Dhomhnuill Bhàin a’ Bhòcain. [Chuireadh an sgeul so air “Domhnull Bàn a’ Bhòcain” g’ ar n-ionnsuidh le caraid leis ’m bu toil a faicinn anns a’ MHAC-TALLA. Bha i air a clo-bhualadh ann an Reporter a’ bhaile so anns a bhliadhna 1890, agus mur eil sinn air ar mealladh bha i air a sgriobhadh le Maighstir Mac-Gilleain Sinclair. Tha sgeul air “Domhnull Mor a’ Bhòcain,” air a h-aithris le Dearg Mac-Dhonnachaidh anns A’ Bhard, am paipeir ùr Gàidhealach air an d’thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh. Cha chreid sinn gu robh ann ach aon “Domhnull a’ Bhòcain,” ged a tha e Ban ann an sgeul an Tàilleir, agus Mor ann an sgeul Mhic-Dhonnachaidh, ach cha’n eil an da sgeul co-ionnan; tha ni no dha ann an sgeul an Tàilleir nach eil ann an sgeul Mhic-Dhonnachaidh, agus tha barrachd us aon ni aig Mac-Dhonnachaidh ’na sgeul nach robh aig an Tàillear. Bheir sinn an sgeul a reir Mhic-Dhonnachaidh do ar leughadairean ann an àireamh na seachdain s’a tighinn.] An Seoladair agus an Cuan. Tha ioghnadh orm, A chuain! gu’m biodh tu ’feuchainn ri giùlan a thoirt dhut fhéin nach buin dhut. Tha thu ’tighinn thun a’ chladaich mar gu’m biodh tu miodal ris, agus tha do stuadhan beaga ’comhartaich mar mheasan. Tha do stuadhan beaga, camlagach, a tha nis coltach ris na camlagan a bhios air cinn nan nigheanan òga, a ruith gu cois na tràghad ag atharrais air a chéile. An uair a sheallar ort, cha saoileadh neach sam bith (cha smaoinicheadh iad gu ’m biodh e comasach) gu’m bristeadh tu loingeas, no gu’n reubadh tu seoladairean as a cheile le d’ fhiaclan geura, geala. Cia fhad, m’ aon bheag ghradhach, o’n a bha do mheoirean fada, caola a’ teannachadh sgornain nan seoladairean aig an luing ud a chaidh a bhristedh? So, so, aon ghòraich, cha’n ’eil feum sam bith dhut a bhith ’feuchainn ris a’ char a’ thoirt asamsa air an doigh so. A chuain! tha thu iongantach ’na d’ neart agus ’na d’ chumhachd; ach cha ’n ’eil barrachd tlachd agam dhiot mar a tha thu nis na an uair a tha thu air a’ chaocladh de dhòigh. An uair a tha thu ’nad chadal, tha thu ’cur cait ’nam chuimhne. Cha’n ’eil cronan do stuadhannan dad na’s lugha mealladh na cronan a chait an uair a tha e ’na leith-dhusgadh. Bheir thu leum asad gu grad as do chadal, agus tu gu h-acrach, borb, agus bidh leir-sgrios uamhasach ’nad dhéigh. Theid do bheucaich suas a dh’ ionnsuidh nan speur, agus le cop mu do bheul, le do spuirean an-iochdar leumaidh tu ris na creagan. A chuain! ged a tha mi ’bruidhinn ruit mar so, na brist mo bhata. Tha mi beag agus lag; am feadh ’s a tha thusa cumhachdach agus mor; cha ’n fhiach dhut dragh a chur air mo bhata beag-sa, an uair a chaidh agad air cabhlach mor na Spainne a sgrios. Cha’n ’eil agam ris an t-saoghal ach i fhein; agus is math a fhreagradh dhutsa fabhar sonraichte a nochdadh dhomhsa. Tha thu na’s neo-sheasmhaiche na boirionnach, agus na’s an-iochdmhoire na cat. Ged a tha fiamh gaire ort, agus tu ’gluasad gu mothar mall, cha mheall thu mise; agus, A chuain! cha’n eil earbsa sam bith agam ’na do chrònan, agus ’na do ghuth ceòlmhor binn.—Am Bard. Cha ’n eil latha de’n t-seachdain nach eil air a chur air leth son aoraidh le aon chinneach no cinneach eile air feadh an t-saoghail. Tha Di-donaich no la na Sàbaid ’na la aoraidh aig na Criosduidhean (Caitliceach us Protstanach); Diluain aig na Greugaich, Di-mairt aig na Persianaich, Di-ciaduin aig na h-Asirianaich, Dior-dain aig na h-Eipheitich, Di-haoine aig na Turcaich, agus Di-sathairne aig na h-Iudhaich. Tha moran ann a labhras ni ’s lugha gu mor na smuainicheas iad. Tha iad a’ deanamh sin gu glic. Tha moran eile ann nach smuainich air darna leth na labhras iad. Tha iadsan a’ deanamh gu h-amaideach, agus bithidh a’ bhuil orra. [TD 76] [Taobh-duilleig 67 san leabhar fhèin] [Vol. 10. No. 10. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 6, 1901. Litir as na h-Eileanan Coille. MO sheachd beannachd aig MAC-TALLA agus aig an òigear uasal a tha ’ga iomairt ’s ’ga stiùireadh. Tha e tighinn air an t-samhradh so a h-uile Di-luain, cho cinnteach ris an latha; agus tha e gach seachdain a dol am feobhas ann an naigheachdan, an òrain, am paipeir, agus ann an clo-bhualadh. Ach gu dearbh tha mi ag ionndrainn nan litrichean laghach a b’ àbhaist a bhi ann, ach cha ’n ’eil coire sam bith ri chur oirbhse air son sin, ach air na sgriobhadairean a b’ àbhaist a bhi cho fileanta air a pheann. Chunnaic mi litir ghasda bho Mhìcheil còir bho chionn àireamh no dha, a toirt dhuinn naigheachd bheag as a Chuairtear mu Dhomhnull nan stòp. Bha mise gle eòlach air a Chuairtear. Bha mi ’ga ghabhail bho chionn leith-cheud no tri-fichead bliadhna air ais, agus bhithinn ’ga thoirt an iasad do chuid, agus mar sin chaill mi sealladh orra. Bhithinn gle fhada an comain neach sam bith aig a bheil iad nan cuireadh iad ugam iad, oir tha mo chuimhne fhéin a fàs rudeigin dona. ’S fhada bho bha dùil agam ri sgriobhadh ugad, ach cha robh naigheachdan a b’ fhiach agam, a chionn cha ’n ’eil mi ro fhalbhteach ann, agus cha ’n ’eil mi math gu naigheachdan a dheanamh ni ’s mo, agus mar sin cha bhi moran a’s fhiach ’san litir so, ach direach a dh’ innseadh gu ’m bheil mi beò fhathast, agus feuch an cuimhnich pàirt dhe na seann chàirdean sgriobag a chuir ugainn. Gu dé thainig ri mo dheagh charaid, Murchadh còir? agus moran eile nach ruigear a leas ainmeachadh. Ach ma chi iad so faodaidh iad fhéin a thuigsinn gu bheilear ’gan ciallachadh. O, nach e Bodachan a’ Ghàraidh fhéin aig am bheil an gnothuch ri comhairlean a thoirt air na gillean òga, agus air na h-igheannan cuideachd! Cha chreid mi nach robh e gle eòlach air moran dhe ’n doigheannan, a chionn cha robh guth aig’ ach an tul fhìrinn. Ach tha eagal orm nach dean a chomhairlean am feum air am b’ airidh iad, a chionn cha chluinn an òigridh moran a feasda dhiubh; cha leugh iad féin iad agus cha ’n éisd iad ri neach ’gan leughadh dhaibh; agus bu mhor an dollaidh sin, oir bhiodh iad nan deagh shearmoin dhaibh. Tha cuimhn’ agam air m’ athair a bhi ag innse naigheachd air fear air choireigin a bha ’san t-seann dùthaich—tha dùil agam gur e Eòghan a chinn bhig, no fear-eigin dhe na bhiodh ri cogadh ’s ri blàir ’san t-seann aimsir a bh’ ann. Ach coma co dhiù bhiodh e creidsinn facal a bhiodh nam measg anns an àm sin, na ’m faigheadh fear ìm gun iarraidh aig a bhiadh-maidne, nuair a bhiodh e dol gu blar, gu ’n cinne[?]h a ghnothuch leis. Ach bha ’bhean aige glé spiocach, mar a tha mi creidsinn a bhiodh cuid d’a seorsa ’s na h-amannan ud, agus air maduinn àraidh a bha sin, air dha bhi ’falbh gu blàr, nuair a dh’ eirich e ’s e cur uime gu falbh cha robh guth aig a mhnaoi air gluasad, agus cha robh fios aige fhéin c’aite robh an t-ìm. Thòisich e ri bruidhinn mhor ris fhéin, mar gu ’m bitheadh cuideachd mhor leis, agus nuair nach robh sin g’a dùsgadh, thòisich e ri bualadh buinn nam bròg ri chéile, a deanamh a h-uile stararaich a b’ urrainn e, ach cha dùisgeadh ise, ’s b’ fheudar falbh gun an t-ìm, ’s chaill e ’m blàr, ’s cha do thill e. Bhiodhte sin ’ga fhaicinn a marcachd air muin eich, ’s an ceann ’ga dhìth, ma ’s fior an sgeul. Ach co dhiù theireadh e mu ’n d’ fhalbh e, nuair a bha e bualadh nam bròg—“Cha dùisg bròg no bruidhinn droch bhean-taighe.” Agus tha eagal orm gur a th’ ann mar sin a thachair ri cuid mhath do na sgriobhadairean againne. Tha eagal orm gu bheil Mac Uisdean a di-chuimhneachadh nam port-a-beul. Tha dòchas agam gu ’n dùisg e “gun bhròg no bruidhinn,” agus gu ’m faic sinn tuilleadh dhiubh an ùine gun a bhi fada. Mo mhìle beannachd do ’n fhear a tha ag iomairt agus a stiùireadh a MHAC-TALLA, agus gu a luchd-cuideachaidh air fad. Bidh sinn a sealltainn a h-uile seachdain tuilleadh air son an clàr anns am bi ainmean na feadhnach a phàigh a dol an lion-mhorachd, bho ’n a bhios na h-oidhcheannan a dol ni ’s fhaide. Is mi ur caraid an la a chi ’s nach fhaic, SEUMAS A’ CHIUIL. Na h-Eileanan Coille, E. P. I. Chaidh ceathrar dhaoine a bha ’g obair aig calla ’n rathaid-iaruinn anns a’ bhaile so, a chur an greim air an t-seachdain s’a chaidh air amhrus gu robh iad a goid stuth làidir. Bha aig cuideachd a ghuail caochladh uairean ri pàigheadh air son stuth a bha ’dol air chall an àm a bhi g’a thoirt am mach dh’ionnsuidh an luchd-reic anns na mèinnean. Chaidh detective a chur a dh’ obair, agus ùine ghoirid an deigh sin a dheanamh, bha ceathrar air an glacadh, agus thatar aig an àm so ga’m feuchainn aig cùirt fir-ceartais. Ma theid a chùis a dhearbhadh orra bidh iad air am peanaiseachadh gu trom. REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Reic Mhor Bhrog Brogan laidir is fhiach $1 40 air $ 99 Brogan laidir is fhiach $2 00 air $1 25 Brogan Grinn Dongola $2 00 air $1 35 Brogan Carte $2.00 air $1.49 Brogan Buidhe-bhan $1 50 air $1 10 agus iomadh bargan eile ann am brogan dhaoine a nis ri fhaotainn ann an— STOR BHROG Redden. ROSS BLOCK. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 77] [Vol. 10. No. 10. p. 5] Naigheachdan. B’e Di-luain s’a chaidh Latha na h-Obrach, an latha bhios a mhor chuid de ’n luchd obrach ’nan tàmh agus a cumail mar latha saor. Bha reis each agus cluichean eile ann an Sidni ’s an Sidni Tuath. Tha pàrlamaid ùr ri bhi air a taghadh ann an Nobha Scotia air an darna latha de dh’ October. Bidh iadsan a tha dol a dh’ fheuchainn ri faotainn a stigh air an ainmeachadh air a choigeamh latha fichead dhe ’n mhios so. Tha Martin Almon a bha air a ghoirteachadh air trein nam buanaichean faisg air Winnipeg, air tigh’nn dhachaidh gu Leitche’s Creek. Tha e ’cur roimhe dhol a lagh ris an C. P. R. air son a’ ghoirteachaidh a fhuair e. Tha e dhe ’n bharail gu ’m b’ ann le cion faicill agus le mi-chùram a thachair an sgiorradh. Tha bhòt anns a bhaile so aig da cheud de na h-Eadailtich, a thainig ann o’n thòisich an obair-iaruinn. ’Se sin ri ràdh tha còrr us da cheud ainm Eadailteach air clàr-bhòtairean a bhaile. Tha cuid diubh sin gun teagamh ann an cearnan eile dhe ’n t-saoghal roimhe so, oir cha ’n eil iad mar shluagh a tuineachadh ro fhad ann an aon àite sam bith; bidh iad ag imeachd mu ’n cuairt air an talamh, agus a siubhal sios agus suas air, ag iarraidh obrach. Tha fiosan a tigh’nn a nall á Breatunn, o àm gu àm, gu bheil Morair Salisbury an dùil a dhreuchd mar Phriomh Mhinisteir a leigeil uaithe, ach tha e tionndadh a mach gach uair nach eil na fiosan sin fior. Cha ’n eil teagamh nach biodh an àireamh a’s motha de thaobh fhéin deònach am Morair a leigeil á dreuchd, na ’m biodh na b’ fhearr aca gus àite ghabhail. Ach cha ’n eil sin ann aig an àm so, agus gus am bi, no gus am brist air a shlàinte, fanaidh e far am bheil e. Tha Diuc Chornwall, air a chuairt timchioll an t-saoghail, a cosnadh meas mor dha fhéin o’n t-sluagh anns gach àite ’s am bheil e taghal. Anns na h-òraidean a labhair e, tha e nochdadh gliocais agus tuigse, agus cha ’n eil ni a’s fhearr a ’chòrdas ris an t-sluagh na sin. Cha dean tapadh gun ghliocas no fileantachd gun tuigse drùghadh mor sam bith orra. Bidh turus an Diuc ’s na Ban-Diuc na mheadhon air Impireachd Bhreatuinn aonadh mar nach robh i riamh roimhe, le bhi tarruinn cridheachan an t-sluaigh anns gach cearna dhi ri chéile, agus ’g an toirt gu bhi tuigsinn ’sa creidsinn, ged tha iad sgapte bho chéile, gu ’m buin iad do ’n aon teaghlach. Bha pic-nic an rathaid-iaruinn ann Di-sathairne s’a chaidh, ann an Orangedale. Bha an latha briagha, agus chaidh cùisean air adhart gu h-òrdail a mhor chuid de ’n latha. Bha beagan mi-riaghailt air aobharachadh ann le sgioba a ghabh an turus, a reir coltais, làn uidheamaichte romh laimh air son sin a dheanamh. Ma tha luchd-riaghlaidh an rathaid air son latha saor a thoirt do ’n luchd-obrach, bu chòir dhaibh aon chuid luchd nan sabaidean a chumail bhar nan carbad airneo an grad chur an greim nuair a thòisicheadh iad ri mi-riaghailt. A bharrachd air a bhi mi-thoilichte thaobh na h-aimhreit, tha cuid dhiubhsan a bha air a’ phic-nic a’ gearain gu robh biadh doirbh fhaotainn—gu robh e aon chuid gann no air a dhroch roinn. Tha duine mhuinntir Ontario, a bha air chuairt ann an Ceap Breatunn o chionn ghoirid ag radh gur h-i bharail-san gu bheil an t-eilean so tuilleadh us saoibhir air son math an t-sluagh a tha fuireach ann. Anns an àite ’sam beil esan ’a deanamh a dhachaidh, cha’n eil dòigh thighinn beò aig an t-sluagh ach air an tuathanachas. Duine nach bi leagte ri dhol a thionndadh na talmhainn cha ’n eil aige ach falbh aisde no bhi anns a bhochdainn. Ach air an eilean so, faodaidh duine beolaind mhath a dheanamh mar thuathanach, mar iasgair, mar mheinneadair, no mar fhear-obrachaidh iaruinn. Mur còrd aon cheaird ris faodaidh e gabhail ris a cheaird eile, agus ’se tha cumail moran air ais ’nan crannchur nach eil iad a leantuinn ri aon obair sam bith, ach a toirt buille air gach aon m’a seach. Tha cuid a’ roinn an saothair eadar an t-iasgach ’s an tuathanachas, ’s cuid eile eadar an tuathanachas ’sa mhèinneadaireachd, agus tha sin ’gan cumail o bhi cho soirbheachail ’sa bhiodh iad ’nan leanadh iad ris an aon obair. ’S i so barail duine thuigsich a fhuair àrach anns a mhor-roinn a’s fhearr a tha ’n Canada; agus cha-n eil e ’meas idir gu bheil Ceap Breatunn mar àite air son beòlaind mhath a dheanamh ann, air deireadh air a mhor-roinn fhein, ach air toiseach oirre. Cha’n eil teagamh againn nach cuir sin iongantas orrasan a bhios gu tric a labhairt mu’n dùthaich so, mar gu’m b’i an aon dùthaich a’s miosa tha fo’n ghrein. Iadsan a Phaigh. An t-Urr. D. Siosal, Heatherton, N. S. Alasdair Domhnullach, Allt Mhic-Ara, N. S. Mor Mhunn, na h-Eileanan Coille, E. P. I. An t-Urr. Calum Caimbeul, Strathalba, E. P. I. D. R. Stiùbhart, Belle Creek, E. P. I. Alasdair-Mac Ealair, Sault Ste. Marie, Ont. Calum Mac Guaire, Norman, Ont. An Dotair Beutan, Orillia, Ont. H. A. Mac Gille-mhaoil, Finch, Ont. Uisdean Mac Colla, Strathroy, Ont. Sìne Bhellairs, Springbank, Ont. Domhnull Mac Neacail, Ladysmith, B. C. C. L. Nic-a-Ghobha, Lakeport, N. H. Iseabail Oudekerk, Chase’s Lake, N. Y. Euphemia Rothach, Allston, Mass. Martuinn Mac-a-Phearsain, Cleona, Cala. I. S. Ros, Cleona, Cala. Domhnull E. Mac-Amhlaidh, New Haven An t-Urr. A. Beutan, Ouray, Colo. Liuthais Mac Aonghais, Victor, Colo. Iain Rothach, Rudha Mharsden, N. Z. Alasdair Ceamp, Waipu, N. Z. Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni Iain I. Mac-an-t-Saoir, Sidni Domhnull Mac Phàrlain, Cox Heath Iain A. Mac Coinnich, Cox Heath Tormad Mac Leoid, Bucklaw Domhnull Mac Gilleain, Rudha ’n Rothaich Iseabail Nic Gilleain, Narrows Mhora D. B. Mac-a-Mhaighstir, Creiginnis Iain Camaran, Grand River Aonghas Mac-a-Ghobha, Tarbert An t-Urr. Calum Mac Leoid, Baile nan Gall Aonghas Mac Cuthais, Seana Bhridgeport Aonghas Domhnallach, am Beighe ’n Ear Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn M. L. Mac Fhionghain, Point Clear Ruairidh Mac Philip, Loch Laomuinn D. A. Mac Cuthais, Rathad Shalem Domhnull Domhnullach, an Acarsaid Mhor Iain Mac-a-Mhaighstir, Markton Sim R. Mac Gillfhinnein, an Simealair Ruairidh Mac Coinnich, Kingross Caitriona Chaimbeul, am Bras d’Or Beag Alasdair N. Domhnullach, Port Morien Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien Iain Mac Gilleain, Strath-Lathuirn An t-Urr. D. Domhnullach, Strath-Lathuirn Iain Domhnullach (Gobha) Baoghasdal Aonghas Mac-a-Phearsain, Blackstone Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. Thig sinn suas ris an fheadhainn a’s fhearr ann an deanamh Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa Bathair-Each. ’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic....... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 78] [Vol. 10. No. 10. p. 6] Domhnull Beag. EARRANN II. LE IAIN MAC AONGHAIS. THAINIG sifeag do leth-Ghall do ’n dùthaich geamhradh a bha sid a chumail sgoil sheinn. Chruinnich moran do ’n òigridh a cheud oidhche agus nam measg bha Domhnull, a thaobh bha brathair a mhathar na “phrecentor” anns an eaglais, agus bho nach bu bheo esan bha mathair Domhnuill a’ smaointeachadh gu ’m bu chòir fhalluinn tuiteam latha eigin air Domhnull. Thug am fear teagaisg air na caileagan an toiseach, té an deigh té, salm no laoidh a sheinn, air son gu ’n deanadh e a mach an seorsa guth a bha aig gach aon diubh fa leth. Thainig e sin a dh’ ionnsuidh nan gillean agus rinn e an t-aon ceudna orrasan. “Seadh! mo ghille maith,” thuirt e ri Domhnull, “Cluinneamaid gu de a ni thusa.” Thoisich Domhnull. Sheall am fear teagaisg air. “Fosgail do bheul, a dhuine, ’s leig a mach do ghuth.” Ach cha b’urrainn e tuilleadh a radh. Thainig seorsa do thioma air. Bha “desk” air a bheulaobh agus dh’ fhosgail e e, agus chrom e sios a cheann ann mar gu ’m biodh e sealltuinn air son rudeigin. Nuair a bha Domhnull ullamh, thog am Maighstir a cheann ’s na deoir ’na shuilein. “Cha chuala mi riamh a leithid,” thuirt e. Chuir so moit mhoir air Domhnull, agus bha e fhein ag innse a rithist gur e cho tiamhaidh sa bha am fonn a sheinn e a thug na deòir ann an suilein an fhir theagaisg. Cha d’ fhuair Domhnull bochd a bhi na “phrecentor” an deigh a h-uile rud a bh’ ann, ach ’s docha gu robh sin fhéin cho maith dha fhein s do chach. A measg a h-uile foghlum a fhuair Domhnull, cha robh e riamh ag ionnsachadh ann an sgoil dannsa. Ach coma co dhiu, ’nuair a bhiodh gnothaichean fabharrach—cuideachd chridheil, ceol togarrach, urlar maith, ’s ma dh’ fhaoite boinnein anns a cheann, dheanadh e dannsa gasda, laidir, cumanta de dh’ iomadach seòrsa mar a bhios sluagh a cleachdadh ann an àiteachan duthchail. Tha e air innse mu dheighinn uair a bha e aig banais gun a thòisich e fhein agus’a mhùtag ghille aig Calum greusaiche air strith ach co b’ fhearr air dannsa, agus gu ’n d’rinn Domhnull a mach e, le cuibhleadh no dha ’thoirt timchioll an urlair ann an “waltz,” ’us cha tug a mhutag ach cuairt na dha as ’nuair a thainig tuainealaich air, ’us b’ fheudar dha suidhe ’s mar sin fhuair Domhnull Beag urram an dannsa. Bha dannsa fuathasach neonach aig Domhnull a dh’ ionnsaich e bho Eirionnach a bhliadhna a bha e aig iasgach “House.” ’Nuair a thòisicheadh e air an dannsa sin dh’ fheumte a chuid mhoir de ’n airneis a chuir a mach as an t-seòmar. Co ’thàinig air chéilidh oidhche a bha sin ach Donnachadh Ruadh, brod an trombair, agus fear no dha eile. Thoisich iad air bruidhean air dannsa; agus mu dheireadh cha deanadh blasd feum ach gu’m feuchadh Domhnull ri dhol roimh dhanns an Eirionnaich. Chaidh an seomar a réiteachadh, agus thoisich an ceol; ’s ma thoisich chaidh Domhnull fo uidheam. Bha cuaille bata aige na ’laimh dheis, agus chuireadh e an drasda ’s a rithist le fead tri uairean timchioll a chinn e, ’us e spreideadh le a chasan fad na h-uine. Shineadh e an sin am bata a mach air a bheul-thaobh ’s am barr aige car sios thun an làir, agus chuireadh e cas mu ’n seach thairis air cho luath ’s a b’ urrainn e—ann an dòigh a bha gu maith iongantach do dhuine cho ceangailte ’na phearsa ris-san. Mu dheireadh ge be air bith a mhi-shealbh a thachair sid car ma char sios an t-urlar do Domhnull, us do na phoit ghuirmein a bha ’suidheachadh air chul an teine. “Chaidh an ceol feadh na fidhle.” Thoisich Morag air trod, ’s b’ fheudar do ’n a chuideachd sgaoileadh. ’Nuair a thainig Domhnull dhachaidh bho ’n iasgach co a thachair air latha bha sin air an rathad mhòr, ach Donnachadh Ciobair, duine a bha làn dibhersion. Chuir e fàilte shuilbhearra air Domhnull, a cheart urrad agus ged a bhiodh e air cuairt a chuir ma ’n t-saoghal. “Do bheatha ’an duthaich, a Domhnuill,” thuirt Donnachadh. “Tapadh leibhse,” fhreagair Domhnull. “S e duine a shuibhail ro fhada a th’ annadsa” arsa Donnachadh. “Mata,” fhreagair am fear eile. “Chuir mi car na dha dhiom bho na chunnaic mi sibhse mu dheireadh.” “’S iomadach tonn mor a chuir thu seachad bho nuair sin,” thuirt Donnachadh. “Sibh a dh’fheudas sin a radh,” arsa Domhnull. “Am biodh sibh a’ dol fada a mach bho fhearann,” dh’ fheoirich Donnachadh. “Oh! bhiodh gu dearbh,” thuirt Domhnull, ‘a mach a sealladh fearainn.” “Oh! a dhuine, arsa Donnachadh, “agus ciamar, air an t-saoghal, a dh’ amaiseadh sibh air ’ur rathad dhachaidh a rithist.” “Nach robh sinn,” fhreagair Domhnull, a stiuireadh a bhata air rud mar gu ’m biodh cuman ann.” “Oh, ’dhuine ’dhuine,” arsa Donnachadh, “ciamar a stiuireadh tu fhein bata le cuman.” “Haoh,” thuirt Domhnull, “gu de math dhomhsa a bhi ’g innse rud do dhuine aineolach nach deachaidh riamh a realladh mullach nan cnoc.” Ghabh e fior mhithlachd ri Donnachadh air son a chuid stallacaireachd. Cha’n ’eil fhios agam an cuala sibh riamh mu thurus a thug Domhnull Beag air falbh air bàta-smùide. B’ àbhaist dhasan a ràdh coltach ri iomadach Gàidheal eile ’nuair a bhiodh e bho’n tigh gu’n òladh e, ach nach itheadh e. Tha mi cinnteach gu ’m faca cuid agaibh fhein air ’ur siubhal gillean gasda a laidhe air an òl ann an seomar fo chlàr luinge agus a cheart cho luath ’sa thigeadh an gille bùird leis an anart gus am bord a chuibhrigeadh mu ’n rachadh biadh a chur air, MAC-TALLA AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1.00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1.52 DO BHREATUNN, DO NEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE. CEUD mile furain agus failt’ Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh! ’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas O bhliadhn’ gu bliadhn’ An gliocas, tuigse, tur is ceill; An eolas air gach ni fo ’n ghrein; Am meas, an cliu ’s am moran speis, An ear ’s an iar. Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis; ’S a bhuadhan co ni chur an geill Le peann ’s le guth? An t-armunn maiseach, uasal, grinn, A choisinn cliu le luaths a phinn Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir ’S an cluinnteadh ’ghuth. Mo mhile beannachd aig an dream A tha ’toirt aoidheachd dha gach am, ’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall, An am an fheum’: Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar, A choisinn cliu is buaidh ’s na blair, A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath ’S gach ait’ fo ’n ghrein. —Bodachan a’ Gharaidh. THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN. “Cho Gaidhealach ri Fad Moine.” [TD 79] [Vol. 10. No. 10. p. 7] sid suas a ghabhadh na fearaibh gu clàr-uachdarach an t-soithich, lasadh iad na pioban tombaca, agus ’s docha gur a gann a bhiodh am biadh seachad ’nuair a ritheadh iad sios do ’n t-seomar òil a rithist, a thaobh a reir coltais, tha e na mhasladh do Ghaidheal ceart acras no fuachd a ghearan ged a dh’ fhaodas, a reir cleachdaidh, pathadh anacuimseach a bhi air agus lan a chuirp òl gus a chasg. ’S lionmhor caraid a choinnicheadh air Domhnull ’nuair a bhiodh e bho bhaile. Dh’ innseadh e dhuibh gu maith pogail, a rithist an deigh a thuruis a h-uile car a chuir e dheth. “Chaidh sinn a’ stigh,” theireadh e; no “chaidh sinn sios;” no “chaidh sinn a null,” ’s mar sin air aghaidh. ’S ann “sios” a bha e fhein agus a chompanaich a’ dol air bord bàta na smùide—agus gu maith tric, cuideachd! Mu dheireadh chaidh a chur air shùilean doibh, le beagan dragh, gu ’n robh iad a tighinn faisg air an ceann-uidhe, agus an deigh tuilleadh agus aon “deoch an doruis” òl rinn iad a mach air doigh eigin an staidhre a dhireadh; agus ge be seorsa tuainealaich do thuigsinn a chaidh na ’n cinn na an laigse iongantach a thainig orra, ruitheadh iad mu ’n cuairt fear an deigh fir, cho luaith ’s a bheireadh an casan iad, agus mu dheireadh thuit iad air muin a cheile air clàr na luinge. Bha feodhain a bha anns an làthair, nach buineadh do ’n chuideachd acasan a’ deanamh a mach gu’n do shaoil le Domhnull an toiseach, ’nuair a dh’ fhalbh a chasan bh’ uaithe, gu’m biodh e ’toirt oidhirp air buillein snàmha a dheanamh. Cha robh cinn nan gillein ceart fad latha no dha an déigh an turuis a bha ’sin; agus bha iad fhein ’us cuid do ’n cairdein a deanamh a mach gun do chuir “fear lom a chota ghoirid” (mar a dh’ ainmich iad stiùbhart a bhata) “droga” nach robh cneasda anns an deoch a dh’ òl iad; agus a thuilleadh air chomhdaicheadh iad oirbh gu ’n robh seorsa do stuth aig, a thug e as na rioghachdan thall, a bha e cur a measg na deoch, agus na’m blaiseadh sibh oirre an deigh an aimleisg rud sin a mheasgnachadh leatha gu’n cuireadh i miann òil oirbh ged bu sibh sluagh bu stuama a bh’ ann am Breatunn! ’Se gnothuch neonach a bh’ ann, a réir sgeoil, mar a thachair do Dhomhnull agus do chompanaich; ach cha ’n eil ceann agam fhein a ghabhas a ’stigh an seorsa “sgoil dhubh” sin ann! Mar bu trice, bhiodh Domhnull agus a mhàthair còrdte gu leor, ach corr’ uair thigeadh facal eatorra. Feumair a ràdh gu robh teanga gu maith loisgeach aig a chailleich ’nuair a thoisicheadh i air càineadh, agus cha robh Domhnull bochd ro fhileanta ’s an teangaidh co dhiu. Ged nach robh e briathrach, bha e gnìomhach. Aig amannan mar sin, ma ta, bhagradh e sud ’us so a dheanamh gu sonruichte ’nuair a bhiodh e roimh cheile le dìth tombaca! “Tha mi air mo pheubrachadh le ’ur droch theanga. Cha’n urrainn mi a seasamh ni ’s fhaide. Tha mi falbh g’a mo bhàthadh!” theireadh e. “Gu d’eile a ni thu ach dol ga do bhàthadh,” fhreagradh a chailleach. “Mata cha teid piochd dhiom ann,” theireadh esan. Bha ’n fheoghainn a bha fior eòlach ag radh nach robh an aimsir aig na ceart amanna sin freagarrach air son a leithid sin do ghniomh a dheanamh gu’r e cho fuar sa bha an t-uisge am bitheantas a bha g’a chumail air ais! Chanadh cuid eile na ’m biodh, a chailleach air cur na aghaidh gu robh e air dhol ann. Sin mar a bhios bruidheann sluaigh. Uairean eile bhagradh Domhnull pòsadh! “’Dhuine, dhuine,” theireadh a mhàthair, “’se am posadh a rachadh á fasan an latha a gheibheadh tusa bean! Ach ma ta cha ’n eil fhios a’m nach faigheadh tu te an deigh sin ’s air fad. ’Se fear gu maith neònach nach faigh bean! Innsidh mise dhuit far am faigh thu te a fhreagras tu air leth maith—am bun caile dhubh sin aig Fear a Bhaile Mhoir ud thall—bho ’n a dh’ fhairtlich oirre fear eile fhaotainn co dhiu! Gheibh thu i! Ud, Ud! sinn a bhios mor an sin! Mrs Donald—” Bhiodh Morag ri magadh ’s ri cabadh mar sin ’nuair a bheireadh Domhnull iomradh air pòsadh; ach cha do phòs esan riamh, ach ’s iomadach fear ni bu mhiosa na e a fhuair bean air a shon sin. A nise, a chairdean, ceadaichibh dhomh taing a thoirt dhuibh air son an éisdeachd fhoighidinnich a thug sibh dhomh, agus tha mi an dochas nach misde gin agaibh gu’n do thachair sibh air Domhnull Beag agus orm fhein an oidhche ’nochd.—Highland News. (A’ chrioch). Chuala mi iomradh uair air piobaire leis am bu chleachdach a bhi aig gach posadh a’s banais ’s an duthaich an làithibh ’oige; agus mar sin a’ tional moran airgeid. Ach air dha ’bhi tighinn gu aois shin feadhainn eile air a’ cheaird, agus cha robh an sean phiobaire ’faighinn cuireadh gu aon bhanais anns an fhichead a bha e cleachdadh ’s na làithibh a dh-aom. Latha de na làithibh choinnich duine eile ris, a shin air bruidhinn mu na piobairean oga mu ’n cuairt: “O droch shiubhal orra,” ars’ an seann fhear. “Cha’n fhaigh thu’n diugh clach a thilgeas tu air cù ach piobaire!” Chaidh duine-uasail araidh a steach do thaigh-ionghnaidh ann am baile Sasunnach aon uair a dh’ amharc air na nithe neonach a bha ann. Am measg nithe eile, chunnaic e claigionn beag, agus thuirt fear an taigh ioghnaidh ris gu ’m b’e clagionn Chromueil a bha ann. Fhreagair an duine-uasal nach b’ urrainn da sin a bha, a chionn ’s gu’n robh Cromuel ’na dhuine air an robh ceann mor. “Tha sin fior gu leoir,” ars am fear eile, “ach is e so a chlaigionn nuair a bha e ’na ghille beag.” Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 80] [Vol. 10. No. 10. p. 8] Oran do dh’ Fhionnladh Marsanta Air son e chuir as a chéile seana chuirn agus clachan iobairt a bh’ aig na Draoidhean o shean. LE SEUMAS MAC GILLE-SHEATHANAICH, BARD LOCH-NAN-EALA. Chunna’ mi bruadar air Fionnladh, ’S chuir e ioghnadh orm r’a fhaicinn, ’S ghabh mi iongantas ro mhor dheth, Gu sonraicht’ o’n bha mi ’m chadal; Thuirt an guth rium dol da ionnsuidh, Dh’ innse nach e cùis a b’ fhasa, Dol a rùsgadh càrn nan Druidhneach, Na ’n car a thoirt a muinntir Ghlascho. Ach dh’ fharraid mi co as a dh’ fhalbh e? ’S fhreagair e le seanachas grad mi, Thuirt e gu ’n robh a chairdean dileas, Eadar a Chill ’s Allt-na-dacha; Bha cuid air an Dun so shuas diu, ’S bha uair a bha iad na bu phailt’ ann; ’S cha ’n ’eil mi buidheach a dh’ Fhionnladh ’Dhol ga ’n dùsgadh as an cadal. ’S chi thusa fhathasd le d’ shùilean, Ma bhios tu ’s dùthaich ri fhaicinn, Gu ’n teid an gnothuch so dhioladh, Cho cinnteach ’sa bha ’n crùn an Sasunn. Sgoilt e ’n steigh bh’ ann an uachdar, Chladhaich e ’n uaigh fo na leacan; E gun fhios co dhiù bha innte, Mac an righ na sliochd a bhaigeir. ’N saoil sibh fhein nach robh e dàna, Marsanta màileid no paca ’Dhol a rùsgadh an àit-iobairt, ’S iomadh linn a chuir e seachad; ’N t-àite ’n robh cnaimhean an t-seann-duin’ ’N tiodhlacadh ann o cheann fada; Mu ’n teid an gnothach gu crìch, Gur duilghe dha na fiach a bhlastidh. Ma dh’ eireas mise ’s mo luchd leanmhuinn, Gu ’m bi gnothuch garbh a’s dùthaich, Theid Mac-’Ille-dhuibh a mharbhadh, ’S cha dion a chuid airgeid Fionnladh, Leagar an taigh air ’san sabhal, Sgriosar am bathar ’sa bhùth air, ’S theid Gilleasbuig ri posta, Agus crochar mac a chùbair. Eiridh an tubaist do’n chìobair, ’S laidhe binn air Mac-na-Ceairde, ’S ma dh’ òrdaicheas e gu h-olc e, ’S gnothuch neo-chiontach sud dàsan, E na sheirbhiseach aig Fionnladh, Tuilleadh a null gu Féill-Màrtuinn, ’S ma chuireas e nail na leacan, Ma bhios meachainn ann sann dàsan. Bhi cuir fùdair anns na creagan, Chuireadh e eagal air bòcan, Bhi ga ’n tolladh leis an tora, ’S bhi ga ’n sparradh leis na h-òrdan, Daoine marbha bhi ga ’n gluasad, ’S gnothach uamhraidh gu leoir e, ’S na ’n leanainn e gu grunnd an t-seanchais, B’ ainmeil’ e na arm righ Deòrsa. ’S cha teid a chorp fhein gu dìlinn ’Thiodhlaiceadh an àite gràsmhor, ’S ann theid a losgadh mar ìobairt, Air a dhìteadh leis na fàidhean, Theid a luath a chuir le abhuinn, ’N àite nach fhaighear gu bràth i, ’S cha ’n fhaigh e ach an rud a thoill e, ’Chionn gu ’n d’ rinn e gnothuch gràineil. Ach dh’ fhalbh an guth ’s thug e chùl rium, Agus thionndaidh e gu h-ealamh, Thuirt e rium gu ’n d’ rinn e diochuimhn, ’S e ga innse dhomh mar charaid, Fios a thoirt a dh’ ionnsaidh Dhùghaill, Gu ’n robh a ghual a’s ùird ro ealamh, Dheanadh torachan do dh’ Fhionnladh, Chuir fùdair an Dail-a-charra. Smaointich mi so ann am inntinn, Nach bithinn a dìteadh Dhùghaill, Thuirt mi ris gur duine grinn e, Do dh’ fhuil Righrean nan Stiùbhart, Tha e fhein na dhuine toileil, Dheanadh gnothuch do dh’ fhear dùthcha; ’S o’n bha Fionnladh na chabhaig, Cha bu mhath leis bhi ga dhiùltadh. ’Nuair a dhùisg mi ghabh mi eagal, ’S e na sheasamh air an ùrlar, Dh’ fheuch am faighinn reidh air falbh e, Los nach coisninn na lorg diùmbadh; Tha Dùghall trom air an tombaca, ’S tha pailteas deth sin aig Fionnladh; ’S o’n a labhair mi cho deas ris, Ghabh e pairt de leithsgeul Dhùghaill. ’S ann a tha ’n naidheachd so cinnteach, Ged shaoileadh sibhse gur bòsd e, Cha ’n innis mi a neach gu brath e, Ach do chuideachd araid eolach; Cha robh a leithid ri innse, Eadar an sìthean ’s Lag-Chòthain, Co dhiù th’ ann breug no firinn, Sin agaibh mar dh’ innseadh dhomhs’ e. Oran do Shir Cailean Caimbeul. So deoch-slàinte Shir Cailein Thar fearaibh an t-saoghail, An Caimbeulach sgairteil ’Chaidh am mach na cheann-feadhna; Bho ’n a chaidh thu thar chuantan, Dh’ eirich buaidh air gach taobh leat: Rinn do naimhdean dhut striochdadh, ’S rinn iad siochaint a ghlaodhaich. Tha mo chion air an uasal, Morair Cluaidh, tha mi ’g raitinn, Fhuair thu meas agus urram Thar gach duine do ’n àl so, Ann am foghlum ’s an gliocas, ’S ann am misneach neo-sgàthach, Cha bu mheat air ceann sluaigh thu ’Chur an ruaig air do nàmhaid. ’S truagh nach cluinninn an sgeula Gun eubht’ ann ad dhiùc thu, ’S gun tigeadh tu dhachaidh Làn aiteas gu d’ dhùthaich: A cheann-feadhna nan Gaidheal, Do dheoch-slàinte cha diùlt sinn— ’S mi gun deanadh a tràghadh Ged a phàighinn na crùntan. ’Nuair a chaidh thu do Ruisia Fhuair thu urram o d’ dhùthaich, ’Nuair a fhuair thu brigade Do na Gaidheil fo ’d stiùireadh; An la thug iad aig Alma Gu ’n do do dhearbh iad an cliù dhut Le an lannan geur, sgaiteach, ’S cha bu tais air an cùl iad. Craobh is àird anns an doir thu Ann an coille nan Gàidheal, Seobhag uasal na h-ealta, ’S ursann chatha ’s na clàraibh; Thu gu h-iriosal, macant’, Caoimhneil, tains ri d’ chàirdean, ’S mar an leoghann gu casgradh ’N àm bhi tachairt ri d’ nàmhaid. ’S iomadh mais’ tha ri innis ort Nach cuir mi sios anns an dàn so: Foinnidh, dìreach am pearsa, ’S tu gun athadh a’ d’ nàdur; ’Fhir nach d’ fhoghlum a’ ghealtachd Bu tu cul-taice nan Gàidheal, ’S beag an t-ioghnadh leam fhein e Ged ’thug iad speis dhut cho làidir. ’S ann a shaoil le luchd Beurla Gur h-ann daibh fein a bu dìsl’ thu, Bho ’n ’chaidh t-àrach car tamuill Ann an Glascho nan stìopall; Dhomhsa b’ aithne do sheanachas, Le dearbhadh ’s le fìrinn— Bha thu ’theaghlach ro chliuteach, ’Bha ’n Aird-na-h-Uamh an Ile. ’S iomadh sruthan mear, uaibhreach A direadh suas ann ad phòraibh, ’S tu do ’n fhine bha dileas Air taobh an righ is na còrach; Dream curanta, làidir ’Bha ’n Earraghaidheal a chomhnuidh, ’S mairg nàmhaid ’gan tàrladh Teachd fo àrdan a chomhlain. Cuiream crioch air an dàn so, Bho nach bàrd mi ni òran, Tha mo dhùrachd ’s mo bheannachd ’H-uile latha ri m’ bheò dhut; Ach nan cluinninn thu thighinn, Bhiodh mo chridhe làn sòlais, ’S ged tha ’n aois air mo lagadh Rachainn astar ad’ chòmhail. Chuireadh an t-òran so gu ’r n-ionnsuidh le Iomhar Mac Cuithein, ann an Stayner, Ontario. Cha d’ innis e ’na litir co am bàrd a rinn e. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ceannachd Posta. Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu....... Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies”dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 81] [Vol. 10. No. 11. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 13, 1901. No 11. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XVII. AN déis dhaibh iad fhein a chur air dòigh, smaointich iad gu ’m b’e ’n gliocas dhaibh togail air falbh, ’s gun fhios dé ’n cuideachadh a dh’ fhaodadh na h-Innseanaich fhaighinn, ma bha ’n treubh da ’m buineadh iad faisg, air son tòrachd a thogail air son an dìol a fhuair iad. Direach an uair a bha iad air togail a mach chunnaic iad Ni Math a tighinn, ’s e le dichioll a slaodadh rudeigin na dheigh. Thill iad gu cladach ’sa mhionaid, ’s an uair a choinnich iad, chunnaic iad gu ’m b’e Innseanach beag tioram, crotach, toitidh a bha am fear òg a slaodadh, agus anns an achlais eile aige bha pasgan do bhéin luachmhor. Bha iadsan a smaointean, an uair a dh’ ionndrainn iad Ni Math, gu ’m b’e nàdar a chinn tuilleadh is làidir air a shon, an uair a chual’ e gaoir ’us gleadhraich a cho-bhraithrean ’sa choille, ’s gun do lean e iad. Dh’ innis e dhaibh a nis mar a chunnaic e am meairleach beag, crotach so a liugadh thun na canùaichean, an uair a bha aire chàich air an aimhreit, ’s a lean e e, a tuigsinn nach b’ ann air son math a bha e deanamh direach orra. Fhuair e air falbh leis a chreich—béin sionnaich dhubha—co-dhiu mu ’n d’ rainig esan an canù. Lean e air a thòir ’sa mhionaid, ged nach robh sin furasda, oir cha robh cùil na frog a b’ fhalachaidhe na chéile nach do thagh e—ach tha e ri ràdh gur e geing dheth fhiodh fhéin a sgoilteas an darach. Rug e air ann an deagh àite falaich—toll mor fo bhun craoibhe, a thuit ’s a thog an talamh leis na freumhaichean. Gu nàdarra cha robh e ro dheònach e-fhéin no ’chreach a thoirt suas, ’s mar sin chaidh an tarruinn le chéile mar a chunnaic sinn. Cha robh nàire na athadh sam bith na ’ghnuis an làthair a bhreitheamhan, ach ag amharc cho neo-chiontach ri uan céitein; cha mhotha bha dad a dh’ fhiamh eagail na ’ghùis, ged a bha e smaointean nach biodh a shaoghal fada, a reir an cleachdannan borb fhéin. Cha robh dùil sam bith acasan a dhol cho fad sin ’ga pheanasachadh, ’s cha mho bha iad air son a leigeil air falbh saor. Bha cuid ag iarraidh sud is so a dheanamh air, ’s cuid eile na aghaidh sin. “Innsidh mise dé ni sinn,” arsa Calum, “agus dé ’n cuimhneachan a bheir sin dha. O’n is e béin a bha bhuaithe cha bu chorr dhuinn an duine bochd a leigeil air falbh gun chraicionn air choireigin. Tha fios agaibh an craicionn a tha mi ’ciallachadh?” Bhual na Frangaich am basan an uair a thuig iad dé bha Calum a ciallachadh, ’s rinn iad deiseil ’sa mhionaid air son an sanas a chur an gniomh. Beagan làithean roimhe so, mharbh iad tarbh òg fiadhaich air an tainig iad tarsuinn ’san amhainn. Ghleidh iad an t-seice aige ’sa chànu, an dùil gun deanadh iad feum dhi, ach bha ’n teas cho mor ’s gun do thòisich i ri grodadh an ùnine ghoirid. B’ ann an canù nam Frangach a bha i, oir bha ’n càileachd-san cho laidir ris na daoine buidhe fhéin. ’S fhad o’n a bha na Gàidheil air a h-ìobradh do spiorad na h-aimhne na ’m b’ ann ac’ a bha i, ach bha na Frangaich fhéin, cho làidir ’s gu ’n robh ’n càil, a bruidhinn air a cur a mach an lath’ ud fhéin, ged a thuirt Aonghas riutha nach ruigeadh iad a leas, gun coisicheadh i-fhéin a mach eadar sin ’s feasgar, ’s gun i cùram sam bith a chur orra. B’e so, ma ta, an trusgan cùbhraidh a bha iad air son a thoirt do ’n Innseanach bheag, chrotach. Rug iad air ’s chomhdaich ’us phaisg iad uime i gu cùramach air muin a bheagan a bh’ uime, eadar adhaircean ’us earball ’us eile, ’s gach ni na àite fhéin. Rinn iad tuill air son nan lamh, ’s cheangail iad gu teann, cruaidh, le iomadh cuairt do dh’ iall làidir, uime gach ni, ’s gach snaim far nach ruigeadh e orra. Thugadh comas nan cas dha, ’s leigeadh air falbh e, rud a rinn e gu math toilichte, ’s e ga chunntas fhéin gu math fortanach faighinn as cho saor. “Cha bu toigh leam a bhi air taobh an fhasgaidh dheth air a thurus,” arsa Calum. “Theid mi fhìn an urras gun cùm na fiadh-bheathaichean fhéin fad sgadain bhuaithe.” “’S gòrach thu, ’Chalum,” arsa Mac Leòid; “bheir e ’dheagh dhìnneir as a bhroilleach aice mu ’n ruig e ’chàirdean.” Mu dheireadh thall rainig iad daighneach bheag air an amhainn far an robh beagan de dhaoine geala ’comhnaidh. B’ ann an so a bha aig na Frangaich ris na béin fhàgail, ged a bha ’n dachaidhean astar thri latha air falbh fhathast. Chomhairlich iad do dh’ Aonghas ’s do Chalum am béin fhéin a thoirt do ’n bhaile mhor, rud a dh’ fhaodadh iad a dheanamh o nach buineadh iad do na trapairean. An déis dhaibh latha no dha a chur seachad a leigeil an analach, ’s ag amharc gach ioghnaidh a bha mu ’n cuairt, thog iad air falbh comhladh ri cuideachd a bha dol do ’n bhaile mhor. Dhealaich iad ris na Frangaich mu choinneamh an dachaidhean fhéin, a toirt taing agus duais dhaibh ’san dealachadh. Lean Mac Leòid a luchd-dùthcha. Bha e ag ràdh cho math ’s gu robh na Frangaich, gu robh e sgìth dhiubh, gu h-àraidh o’n a chuala ’sa chunnaic e muinntir a dhùthcha gu robh e air son cumail faisg orra, rud a bha gle fhortanach dhaibhsan, oir bha Mac Leòid eolach air an fhalbhan ’us air gach àite. Rainig iad mu dheireadh an ceann-uidhe ’bha iad a sireadh air oidhche Shatharna, ’s mar sin chum iad fo choill gu maduinn Di-luain. Bha ’n t-Innseanach òg na ’n cuideachd cho dlùth ri faileas. Bha esan a nis air saoghal ùr da rireadh, ’s dh’ fhàs na sùilean aige uiread ri da ghealaich, leis na h-ioghnaidhean a bha e faicinn. Ged a chitheadh e ’sheorsa fhéin ’sa bhaile, cha tuigeadh e iad ni ’s mò na thuigeadh e na h-eòin. Fhuair na gillean moran a bharrachd air na béin na bha iad an dùil a b’ fhiach iad, ’s le stiùireadh Mhic Leòid chaidh iad a chur deuchainn air an stuth throm bhuidhe a fhuair iad ’san amhainn an dùthaich nan Innseanach. ’S e òr gle ghlan a bh’ ann, agus ri linn ’s ann a fhuair na gillean iad fhéin nan daoine beairteach. ’S ann a bha truas aig Calum ris an fhear mhor a bha ’sa bhanca. Bha coltas muladach gu nàdarra air an duine, ged a bha Calum an dùil gur h-ann a bhristeadh na fhuair e ’dh’ airgiod air a bhanca, ’s gur e so a bha fàgail an duine cho tùrsach. Air eagal ’s gun tachradh sin, thug Calum Aonghas a thaobh, ’s thuirt e ris: “Abair ris na daoine nach ruig iad a leas a thoirt dhuinn uile ’n drasd, air neo ’s cinnteach gu ’m faod iad na dorsan a dhùnadh, nach bi ’n corr aca ri ghleidheadh.” Chaidh innse do Chalum, ged nach creideadh e e, nach ruigeadh e leas cùram sam bith a bhi air, nach ionndrainneadh iad idir e, ach air a shon sin gu ’m b’ fhearr dhaibh fhàgail ann, ach na chuireadh iad feum air san àm. Bha iad a nis ann an éideadh coltach, gun a bhi leòmach, ’s mar an ceudna chomhdaich iad Ni Math gu math, rud nach robh ’taitinn ris ro mhath an toiseach, ach fàsaidh duine ri rud sam bith, ’s mar sin bha esan cho spaideil ri balachan le ’cheud bhriogais, an ceann latha no dha. Faodar a bhi cinnteach gun do sgriobh na gillean gu ’n càirdean an uair a fhuair iad cothrom air sin a dheanamh, ach o’n a bha dùil aca fhéin leantuinn an ùine ghearr cha dubhairt iad guth mu bheairteas no mu airgiod. Cha robh e buileach sàbhailte ri chur air falbh ’s na h-amannan ud co-dhiù. Sheall iad an sin mu’n cuairt orra feuch am faigheadh iad àite anns am fàgadh iad an t-Innseanach òg, air son ionnsachadh fhaotainn mar a bha toil aige. Fhuair iad mu dheireadh eòlas air cuideachd chòir a chual an sgeul aca, o’n a dh’ fhàg iad tìr an àraich. Chòrd gluasad Ni Math riutha, ’s ghabh iad os laimh ionnsachadh freagarrach a thoirt dha. Bha iad làidir, beairteach, ’s bhiodh iad daonnan ag ionnsachadh ’s a cur air falbh luchd-teagaisg do dhùthchannan céin. Chaidh an t-Innseanach le cridhe math an dàil nam beann a bh’ aige ri dhìreadh, ’s ghabh e le subhachas ri Dia nan Criosdaidhean ’s ri ’theagasg. Dh’ fhosgail e ’inntinn do gach fiosrachadh a bha dùil aige ’thasgadh innte, gu math spioradail agus aimsireil a cho-bhràithrean ’san fhàsach. Ach bha chuing ro throm, ’s ged nach do ghearain e riamh, bhrist a chridhe ’sa bhaile mhor, ’s mu ’n tainig ceann na bliadhna bha Ni Math fo ’n fhòd ghorm, an sàmhchair chùbhraidh an fhàsaich, far an robh a smaointean ’s a chridhe ’s na mionaidean deireannach, fad o fhuaim aognaidh a bhaile mhoir. Faisg air a bhaile so cheannaich na gillean fearann mor agus math, leis gach togail a dh’ fheumadh iad, ’s gach inneal a bha dol ’san àm, a bhàrr air crodh ’us eich agus caoirich. Fhuair iad gach ni gu math saor o Shasunnach a bha fàgail na dùthcha, ’s dìleab air tighinn a stigh air. An uair a fhuair iad gach ni ann an òrdugh rinn iad deiseil air son cuairt a thoirt do thìr nam beann. Fhuair Mac Leòid fearann dlùth dhaibh, ’s o nach robh duine a bhuineadh dha beò an tìir an fhraoich bha cho math leis fuireach, ’s gheall e ’bhi ag amharc thairis air an cuid-san gus an tilleadh iad. Mar sin thog iad orra gun chùram, ’s chuir iad an aghaidh air Tìr nam Beann, nan Gleann ’s nan Gaisgeach. (Ri leantuinn). Tha iomadh fear aineolach aig nach ’eil fios gu ’m bheil e aineolach. Agus is e sin a tha ’gam fàgail cho fìor aineolach’s a tha iad. Aon uair s gu’n tuig fear gu ’m bheil e aineolach, bidh e gu nàdarra ’g iarraidh fiosrachaidh agus eòlais. [TD 82] [Vol. 10. No. 11. p. 2] Litir o Mhurchadh Cam. FAILT oirbh! ’s fhad o’n uair sin! ’S e ’n t-aobhar is motha th’ agam air sgriobhadh nan sreathan so, gus an dolair gormsa ’chur airson MHIC-TALLA, agus gu dearbh cha ’n ’eil mo shùil na dheigh. Aobhar eile th’ agam a ghluais mi, thug Mìcheal còir putadh dhomh gu mo dhùsgadh, ’s eagal air gu ’n do chaill mi ’n t-sùil eile. Mo bheannachd aige! ’S iomadh fear a th’ anns an t-saoghal a bhiodh coma ged a bhithinn cho dall ri dallaig! Tha e toirt toileachadh mor dhomh ’bhi faicinn fear thall ’sa bhos as ùr a sgriobhadh gu MAC-TALLA, agus tha dòchas agam gun tuit na lannan bhar sùilean moran eile de na Gàidheil gu bhi faicinn an dleasdanais ann an cuideachadh MHIC-TALLA ’s na Gàilig. Nise cha ’n ’eil naigheachdan ùr agam, oir tha mi creidsinn gu bheil gach sgeul ùr aig a h-uile duine cho math ’sa tha iad agamsa. ’S e seann rudan a chuala mi ’n uair a bha mi òg is dluithe tha leantuinn ri m’ inntinn na nithean a thachair o chionn ghoirid. Agus ged a tha e neònach leibhse (m’ aois, a dhuine!) mi bhi cho mear, bidh e toirt plosgail gàir’ orm, ged a bhithinn leam fhìn a falbh an rathaid mhoir. Canaidh sibhse: “O, nach e tha ’fàs gòrach!” Innsidh mi pàirt dhiubh, agus is docha gun toir e gàire oirbhse cuideachd. Rinn Coinneach Odhar fiosachd gu ’m biodh luchd chasagan bàna tigh’n air tìr air an Sgeir Leith, air an taobh siar de ’n Eilean Sgiathanach, cho lionmhor ris na cuileagan. Agus an uair a bha cogadh mor eadar an Fhraing ’us Breatunn, cha ’n fhaigheadh an sluagh cadal na h-oidhche ach an suil air Sgeir Leith. Dh’ eirich Gilleasbuig Aotrom moch aon latha ’san ceò cho dlùth ’s nach fhaiceadh e fhad fhéin dhe ’n talamh. Fhuair e mosgaid mhor agus poca fùdair, agus thòisich e air losgadh urchraichean aig an Sgeir Leith. Cha robh fear no bean no leanabh anns an sgireachd nach tug am monadh orra. Bha Murchadh Mac Dhonnachaidh na dhuine beag samhach, ciùin, socair, ’s bha e na bhàrd. Bha e na bhantraich nuair a bha mise eòlach air. Bha e cho nàrach ’s nach ’eil fhios ciamar a fhuair e bean, mar an deach i-fhéin ’ga iarraidh, mar a rinn a bhàn-righ air a phrionnsa. Bhiodh an uair ud na Morthirich, mu àm na nollaig ’s na bliadhn’ ùire, a creic stuth-làidir aig Port-earlais. Bhiodh bùth aca ’sa charn. Bhiodh na fir ag òl, cuid dhiubh h-uile h-oidhche fad na seachdain. Thug uilc ghillean leotha Murchadh do ’n charn, ’s an uair a chuir iad sradag air dh’ fhalbh e gus a dhol dhachaidh, ach thuirt na gillean ris gu ’n robh nigheanan Iain a cadal ’san t-sabhal. Rainig e ’s fhuair e staigh, ’s cha chuireadh coin Fhinn na Eòghain a mach e. Bha sùil aig na caileagan còire ri cuideigin eile. Bha iad am maoidheadh air nan tigeadh am bodach a bhiathadh a chruidh gun deanadh e fàsgadh na cabhruich agus prannadh nan deargunn air. Mu dheireadh thall dh’ fhosgladh an dorus. Rinn Murchadh direach air uinneig bhig a bh’ anns a bhalla chloiche. Stad e ’n sin. Bha leth a muigh ’s leth a staigh dheth, ’s e ’g eigheach, ’s ceathrar ’ga tharruinn gus na theab iad a thoirt as na h-uilt. Fhuair e dhachaidh, ’san uair a dh’ fhuaraich e rinn e òran air na thachair dha. Thòisich e mar a leanas:— Sguiridh mi ’na cheaird, ’s cha b’ fheairrde mi ’n t-òl, Cha teid mi gu bràth o tharr mi as beò; Sguiridh mi ’na cheaird, ’s cha b’ fhearrde mi ’n t-òl. Oidhche dhomh ’s mi beadradh ’s mor a ghabh mi dh’ eagal, Shaoil leam gu robh mo dhreag am feadan ’Ic Leoid. Sguiridh mi, &c. Innsidh mi dhuibh mu rudan a bha daoine matha ag ràdh an ùine gun bhi fada. ’S docha gu ’m bi sibh a gearain air cho fad ’sa tha ’n litir so. Ma bhitheas deanaibh cleas na cnàmhaig oirre—fàgaibh i gus an teirig na th’ ann a spliùcan. Tha C. C. gu math; tha e mar chlobha gobha. Ach an uair a bhios na comanaichean uile seachad ’s docha gun cluinn sinn rudeigin uaithe a’s fhiach an t-saothair. Bidh sibh toilichte chluinntinn gu bheil Alastair, a mhac, a tigh’n air aghart beagan—seadh, na ’s fhearr na bha eagal air daoine bhitheadh e. Ged a tha cridheachan cruaidh againn an so, bidh truas againn ri duine air an tig doilghios air muin doilghios. Nise, cuiridh sibh an litir so anns a MHAC-TALLA dhuibh féin; cha ’n fhiach i toirt do chàch. Slan leibh. MURCHADH CAM. Mu na Rionnagan. FHIR-DEASACHAIDH:—Chunnaic mi anns a MHAC-TALLA cunntais air seallaidhean a bhitheadh cuid a faicinn air rionnagan anns an latha. Chunnaic mise cuideachd rionnag anns a bhliadhna 1886. Cha ’n ’eil fios agam gu dé an latha, ach gur h-ann goirid o Bhealltainn a bh’ ann. Air Di-sathairne àraid bha mi a gearradh connaidh aig an dorus. Bha an t-sìde a fàs gle bhlàth, agus bha mi coimhead air an adhar gu math tric, feuch an robh àm dinneir a teannadh orm. Sùil dha ’n tug mi mhothaich mi do rionnaig anns an adhar air thoiseach air a ghréin, agus choimhead mi do mhuinntir an taighe i, agus bha i ri faicinn fhad beagan làithean an deigh sin. A reir coltais ’s e so an rionnag a chunnaic Domhnull T. Caimbeul air latha Bealltuinn ’sa cheart bhliadhna. Bha ’n rionnag ud a bhi cho soilleir agus ri faicinn air an latha g’ am chur gu tric a rannsachadh leabhraichean air speuradaireachd. Ach geamhradh a bha mi dol dha ’n sgoil anns na Stàidean fhuair mi beagan fiosrachaidh air an reusan, agus gu dé an rionnag a bh’ ann. ’S e an reul shiubhlach Bhenus (the planet Venus) a bh’ ann, agus bhitheadh i a tighinn an ceann a h-uile ochd bliadhna gle theann air an aon àite. Tha i an drasda ri ’faicinn a h-uile feasgar an deigh dol fodha na gréine anns an àirde ’n iar, agus ma bhios gin do leughadairean MHIC-TALLA a cumail beachd oirre chi iad gu bheil i ag eiridh na ’s àirde ’san adhar agus gu ’n aithnich iad sin cha mhor a h-uile seachdain oirre. Tha i mar sin a tighinn na ’s dluithe oirnn a h-uile latha gus an tig i cha mhor eadar an saoghal ’s a ghrian. Tachraidh sin air an aonamh latha deug do Dhesember s’a tighinn. Cha ’n ’eil an almanac a’ toirt cunntais gu bheil an ni so dol a thachairt ach tha i toirt cunntais air rudan eile as an gabh e deanamh a mach. Bidh an saoghal agus an reul shiubhlach Bhenus na ’s dluithe air a cheile an uair sin na bha iad bho chionn bhliadhnachan roimhe so. Ach aig a cheart àm so bidh an taobh soilleir air neo an taobh air am bheil solus na gréine a boillsgeadh ris a ghréin, agus an taobh a tha anns an dubhar ris an t-saoghal. Mu chòig seachdainean romh ’n àm sin agus an deigh an ama sin ’s iad amannan a’s soilleire a chi sinn air an t-saoghal so i. Bidh i gu math soilleir mu sheachdain an deigh Samhna, ach tha mi smaointean nach gabh i faicinn anns an latha, a chionn gu ’m bi i cho fada deas, agus gu ’m bàth solus na gréine an solus aice aig an àm ud. Ach mu ’n choigeamh latha deug de Ianuaraidh, na beagan an deigh sin, tha mi làn chreidsinn gu ’n gabh i faicinn leis an t-sùil rùisgte air an latha, a chionn bidh i gle theann air a bhi cho fada deas ’sa bhitheas i uair sam bith. Bidh a ghealach làn mu dheireadh a mhios, agus tha mi creidsinn gu ’n gabh na tri faicinn ’sa mhaduinn goirid an deigh éiridh na gréine, mu thoiseach Februaraidh no roimhe sin. Tha mi gle chinnteach gu bheil fios aig cuid do leughadairean MHIC-TALLA air moran a bharrachd mu ’n ni so na tha agamsa, agus bhithinn gle thoilichte nan innseadh pàirt dhiubh tuilleadh dhuinn mu dheighinn so. Is mi do charaid, IAIN I. MAC RAING. Bruachan Bhroad Cobh, C. B. Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHA ’NAN CADAL. CAIB. I. RI LINN an righ Haroun Alrashid, bha marsanta anabarrach beairteach ann am Bagdad. Phos e boirionnach a bha greis aoise, agus cha robh de theaghlach aige ach aon mhac air an d’ thug e Abou Hasan mar ainm. Thog agus dh’ fhoghluim e le mhac le curam agus le mor-aire. Fhuair e bas an uair a bha ’mhac mu dheich bliadhna fichead a dh’ aois, agus o’n a bha e fad a bheatha ’na dhuine glic, curamach, cunndach, deanadach, dh’ fhag e saoibhreas anabarrach mor aig a mhac. Ach bha Abou Hasan ’na bheachdan agus ’na chleachdaidhean gle neo-choltach ri ’athair, agus chuir e roimhe gu’n deanadh e mar a thogradh e fhein ris an t-saoibhreas mhor a dh’ fhag ’athair aige. Cha d’ thug ’athair riamh dha de dh’ airgiod fhad ’s a bha e beo ach gann na bha feumail dha, agus bha farmad gu leor aige an comhnuidh ris na daoin’ oga a bha mu’n aon aois ris fhein air nach robh eis airgid aig am sam bith, agus nach do chum iad fhein o aon dhe na nithean taitneach do am bheil tlachd ro mhor aig daoin’ oga. Air an aobhar sin chuir e roimhe gu’n cosgadh e an saoibhreas mor a dh’ fhagadh aige ann an ruidhtearachd. A chum so a dheanamh, roinn e a chuid saoibhreis ’na dha earrann. Leis an darna leith dhe ’shaoibhreas cheannaich e taighean is fearann, agus gheall e dha fhein nach beanadh e do ’n tighinn-a-staigh a gheibheadh e o na taighean agus o’n fhearann, ged a bha ’n t-suim mor gu leor gus a chumail suas, ach gu’n cuireadh e ma seach a h-uile sgillinn dheth mar a gheibheadh e e. Leis an leith eile dhe’n airgiod chuir e roimhe gu ’n rachadh e an cois na chaill e de ghoraiche na h-oige an uair a bha ’athair ’g a chumail fo smachd. Cha bu luaithe shuidhich e ’inntinn gu’n deanadh e mar so na rinn e suas companas ri aireamh de dhaoine a bha mu ’n aon aois ris fhein, agus shuidhich e inntinn air a h-uile toileachadh a thoirt dhaibh. Thug e feusd mhor dhaibh a h-uile latha, agus cha robh biadh no deoch a b’ fhearr na cheile nach robh air a’ bhord aca. Bha ’n luchd-ciuil a b’ fhearr a bha ri fhaotainn a’ cluich dhaibh, agus bha na daoin oga fhein, agus iad air mhire le fion, a’ gabhail oran le ’n glaineachan lan nan laimh. Mar bu trice bha na cuirmean so air an criochnachadh le bannal dannsa far am biodh na firionnaich ’s na boirionnaich a b’ fhearr gu dannsa a bh’ ann am Bagdad cruinn. Bha na cuirmean so, a bha e ’cumail suas o latha gu latha, cho cosgail do Abou Hasan ’s [TD 83] [Vol. 10. No. 11. p. 3] nach b’ urrainn e an cumail air aghart na b’ fhaide na bliadhna; oir theirig an t-suim mhor airgid a bh’ aige gus a chosg aig ceann na bliadhna. Cha bu luaithe ’sguir e dhe na cuirmean so a chumail na threig a chairdean gu leir e. Ge b’ e uair a chitheadh iad e, sheachnadh iad e; agus nan tachradh dha le tuiteamas a h-aon diubh a choinneachadh agus bruidhinn ris, ghabhadh iad leithsgeul air coireigin gus grad dhealachadh ris. Chuir so ioghnadh mor air Abou Hasan, oir cha do smaoinich e riamh roimhe gu ’n treigeadh a chairdean e an uair a sguireadh e nochdadh caoimhneis dhaibh; ach is e chuir annas gu buileach air gu’n do chuir iad cul ris an deigh na rinn iad de mholadh air ’s de dh’ innseadh dha nach treigeadh iad gu brath e. Bu mho a bha de dhragh inntinn air a chionn gu’n do threig a chompanaich e na bh’ air a chionn gu’n do chosg e gun fheum an darna leith dhe’n mhaoin a dh’ fhag ’athair aige. Le ceann crom, le inntinn bhronach, agus le aghaidh thursaich, chaidh e do ’n t-seomar ’s an robh ’mhathair, agus shuidh e air ceann sofa astar uaipe. “Ciod a tha cur dragh ort, a mhic,” ars’ ise, an uair a chunnaic i anns an t-suidheachadh ud e. “C’ar son a tha thu ’na leithid sin de staid, agus cho bronach, agus cho neo-coltach ri mar a b’ abhaist dhut a bhith? Cha b’ urrainn dut a bhith na bu mho curam ged a bhiodh tu air do chuid dhe ’n t-saoghal a chall. Tha fhios agam gu ’n robh thu ’caitheamh do bheatha ann an doigh ro chosgail, agus tha mi ’creidsinn gu ’m bheil thu ’n deigh do chuid airgeid a chosg gu leir. Ach tha cuid mhath dhe ’n t-saoghal agad fhathast. Agus b’e an t-aobhar air son nach do chuir mise moran an aghaidh dhut a bhith cho cosgail ’s a bha thu, gu’n robh fhios agam gu’n do chuir thu gu glic an darna leith dhe do chuid de ’n t-saoghal fo ghleidheadh a chum nach cosgadh tu e. Air an aobhar sin, cha ’n ’eil mi ’faicinn aobhar agad air a bhith fo leithid sin de lionn-dubh.” An uair a chuala Abou Hasan na briathran so, thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach; agus ann am meadhain ’osnaich ’s a thuirse, thuirt e, “Ah! mhathair, tha mi ’faicinn a nis air mo chosg fhin cho doirbh ’s a tha e do dhaoine cur suas le bochdainn. Tha mi ’g aithneachadh gu’n toir bochdainn air falbh ar n-aoibhneas mar a bheir dol fodha na greine air falbh an solus. Mar a bheir bochdainn oirnn dichuimhn a dheanamh air a h-uile moladh agus cliu a fhuair sinn o dhaoine an uair a bha sinn saoibhir, bheir i oirnn mar an ceudna feuchainn ri sinn fhin fhalach, agus gach oidhche chur seachad ann an sileadh dheur agus ann am bron. A dh’ aon fhacal, tha cairdean agus luchd-daimh ag amharc air an duine bhochd mar gu ’m bu choigreach e. Tha fhios agaibh, a mhathair, cho caoimhneil ’s a bha mi ri m’ chairdean o chionn bliadhna. Bha mi anabarrach fialaidh riutha le biadh is deoch is toileachas inntinn gus an do chosg mi mo chuid arigid gu leir, agus a nis o nach urrainn mi bhith cho fialaidh riuth ’s a b’ abhaist dhomh, threig iad mi. An uair a their mi riutha nach ’eil airgiod agam tuilleadh gus a chosg riutha ann an cuirmean greadhnach, seachnaidh iad mi le gruaim air an gnuis. A thaobh mo chuid thaighean is fearainn, tha mi toirt buidheachas do Dhia air son gu ’n d’ thug e dhomh neart gus cumail ris na mionnan a thug mi nach beanainn do ’n mhal a tha mi faotainn air an son. Agus a nis cumaidh mi gu dluth ris na mionnan a thug mi, agus tha fhios agam cia mar a ni mi feum math dhe na tha fhathast agam. Ach cuiridh mi ’n toiseach deuchainn air mo chairdean, ged nach airidh iad air cairdean a ghairm dhiubh, feuch am faigh mi ’mach ciod e cho fior mhi thaingeil ’s a tha iad. Theid mi far am bheil fear an deigh fir dhiubh, agus an uair a leigeas mi ris dhaibh na rinn mi air an son, iarraidh mi orra suim airgid a dheanamh suas dhomh eatorra, a chum mo thoirt as an eiginn anns am bheil mi air saillibh na rinn mi chum an toileachadh. Ach mar a thuirt mi mar tha, cha dean mi so ach a chum deuchainn a chur orra feuch am faigh mi mach am bheil a’ bheag no mhor de thaingealachd fhathast annta.” Fhreagair a mhathair, agus thuirt i ris: “A mhic, cha ’n ’eil mise ’gabhail orm fhin bacadh a chur ort o dheanamh mar a tha thu ’g radh; ach faodaidh mi innseadh dhut roimh laimh, nach ’eil aobhar sam bith agad a bhith ’smaointean gu ’m faigh thu dad uapa. Creid thusa mise, cha ’n fhaigh thu cuideachadh sam bith ach o ’n fhearann a’s leat fhein. Tha mi faicinn nach ’eil thu fhathast eolach gu leor air an t-seorsa dhaoine ris an can thu fhein agus do leithid, cairdean; ach bidh tu eolach orra ann an uine ghoirid. Agus is e mo ghuidhe air Ni Math gu ’m faigh thu eolas orra anns an doigh a’s miannach leam; sin ri radh, a chum do mhath fhein.” “A mhathair,” ars’ Abou Hasan, “tha mi cinnteach gu leor gu ’m bheil a h-uile facal a tha sibh ag radh fior, ach bidh mi na’s cinntiche as a’ ghnothach an uair a bhios fios na ’s fhearr agam air cho suarach agus neo-fhaireachail ’s a tha iad.” Gun dail sam bith chaidh Abou Hasan far an robh a chairdean. Fhuair e uile aig an taigh iad. Leig e ris dhaibh an eiginn anns an robh e, agus ghuidh e orra an sporrain fhosgladh agus cuideachadh a thoirt dha. Gheall e bann-sgroibhaidh a thoirt do gach fear dhiubh gu’m paigheadh e dhaibh a h-uile peighinn a bheireadh iad dha an iasad, cho luath ’s a rachadh aig’ air. Agus leig e ris dhaibh aig a’ cheart am, gu ’m b’ ann air an saillibh fhein a bha e ann an eiginn cho mor, ann an duil gu’m brosnaicheadh so iad gus caoimhneas a nochdadh dha. Agus cha d’ rinn e dearmad air a radh riutha gn’n robh dochas aige gu ’m biodh e fhathast comasach air fleadh is cuirm a thoirt dhaibh mar a rinn e ’s an am a dh’ fhalbh. Cha robh buaidh sam bith aig na h-argumaidean a ghnathaich Abou Hasan air fear seach fear dhe na daoine a bha ’g itheadh ’s ag ol air a bhord fad na bliadhna roimhe sid. Agus cha b’ e so gu leir a chuir dorran air, ach gu’n robh cuid dhiubh ag radh nach robh aithne no eolas sam bith ac’ air. Thill e dhachaidh lan doilighis agus corruich. Agus an uair a chaidh e do’n t-seomar anns an robh a mhathair, thuirt e: “Ah! mhathair, is sibhse ’bha ceart. An aite chairdean, cha do thachair a h-aon rium ach truillich thruagha, neo-thaingeil, nach ’eil airidh gu’n deanainn cairdeas riutha. Tha mi ’cur dubh-chul riutha, agus tha mi ’gealltainn dhuibh nach bruidhinn mi riutha agus nach leig mi orm gu’m faic mi iad gu brath tuilleadh.” Chuir e roimhe gu’n seasadh e ri ’fhacal agus rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a chum nach tuiteadh e tuilleadh anns a’ mhi-fhortan cheudna. Thug e mionnan nach tugadh e aoidheachd fhad ’s bu bheo e do dhuine sam bith de mhuinntir Bhagdad. Thug e am bocsa anns an robh e ’cumail a’ mhail a bha e ’faotainn air son nan taighean ’s an fhearainn, as an aite ’s an robh e an gleidheadh aige, agus chuir e e anns an aite ’s an robh an t-airgiod a chosg e, agus chuir e roimhe nach tugadh e bonn as ach na bhiodh feumail gus e fhein a chumail suas, agus suipear a thoirt do dh’ aon duin’ eile. Ach a reir nam mionnan a thug e, cha robh e gus aoidheachd a thoirt do neach sam bith ach do choigreach a thigeadh do Bhagdad, agus a dh’ fhalbhadh as an la-iar-na-mhaireach an deigh dha a bhiadh a ghabhail. (Ri leantuinn.) Dh’ fhoghnadh a Neart. Bha tuathanach a comhnuidh ann an siorramachd Inbhirnis aon uair, a bha ’na dhuine mor calma, tosdach agus b’ e an gleachdair a b’ fhearr a bha anns an duthaich. Bha a chliu air a sgaoileadh feadh uile chearnan na duthcha agus rainig e Sasunnach araidh a bha air turus ann an Albainn. A nis, bha an Sasunnach ’na dhuine mor agus shaoil leis gu ’n deanadh e an gnothuch air a’ Ghaidheal. Mharcaich e a dh’ ionnsuidh an achaidh far an robh an tuathanach a’ treabhadh, cheangail e ’each ri craoibh agus thuirt e ris a’ Ghaidheal, “A charaid, chuala mi moran mu do dheibhinn agus thainig mi dh’ fheuchainn co am fear a’s treise dhinn.” Cha d’ thuirt an Gaidheal facal, ach ghlac e an Sasunnach mu mheadhon a chuirp agus thilg e a mach thariris air a’ gharadh e, agus chaidh e fein air aghaidh le chuid oibreach. Dh’ eirich an Sasunnach an ceann beagan mhionaidean, agus sheall e thairis air a’ gharadh. Chunnaic an Gaidheal e, agus thuirt e ris “Am beil feum agad air ni sam bith eile?” “Tha,” ars an Sasunnach, “Bithidh mi fada nad’ chomain ma bhitheas tu cho math ’s gu ’n tilg thu m’ each gam’ ionnsuidh.” Bardachd Naduir nan Gall. Cha saoil mi gur duine an Gall no an Sasunnach a tha gu nadurra teom air toilinntinn fhaotainn ann am maise no an greadhnachas oibre a chruthachaidh. Co-dhiu, cho fada agus is leir dhomh, cha’n fhaighear dearbhadh ’nan litreachas gus o chionn ceithir fichead bliadhna, gu robh aon chuid an suil no an cluas no an cridhe ro fhosgailte do na faireachduinean soluimte agus taitneach a mheal daoine anns gach linn aig an robh ceangal na bu dluithe na bha aca-san ri beinn ’us traigh, ri uisge ’us sliabh. Chi sinn, ann an Salm Dhaibhidh agus an leabhraichean Iob agus nam Faidhean mar a bha na h-inntinnean a b’ airde am measg nan Iudhach air an lionadh le maise agus le gloir an duthcha fein. Ann an tomhas na’s lugha, gheibhear an fhianuis cheudna am measg nan Greugach agus nan Romanach. Ach gus o cheann ceithir no coig do fhicheadan bliadhna cha’n fhaighear a bheag de’n fhianuis so ann an litreachas nan Gall no nan Sasunnach. Bha e na chleachduin am measg nam Bard Ghreugach agus Romanach a bhi seinn mu thoilinntinn agus mu aoibhneas caithe-beatha air an duthaich eadar-dhealaichte o stri, o sharuchadh, agus o upraid nam bailte-mora. An uair a bhiodh toil aig na Baird so sith agus toilinntinn agus neo-chiontas a mholadh dhuit, sheinneadh iad mu bhuachaillean agus mu bhana-bhuachaillean a’ cur seachad an saoghail ag ionaltradh an treudan anns na h-aitean a bu taitniche, a’ tighinn beo air an toradh, agus a’ seinn ciuil a la agus a dh’ oidhche. Thug na Bàird Ghallda agus Shasunnach oidhearp no dha air a ghne Bhardachd so a thaladh do na rioghachdan so agus, cleas nan Gall an comhnuidh, ghoid iad an t-ainm—pastoral poetry—cho maith ris an ni leo—a’ dearbhadh nach robh iad a gabhail naire as a ghnothuch. Ach cha do chinn a’ ghne Bhardachd so am measg nan Gall; agus ged chinneadh cha dearbhadh i gu ’n robh tlachd an t-sluaigh ann an oibre naduir. Tha e ’na chuis-ioghnaidh dhuinne an diugh a bhi leughadh beachdan luchd-turuis mu’n Ghaidhealtachd corr agus ceud bliadhna roimhe so. Chaidh aon no dha de Shasunnaich a dh’ fhag cunntas ’nan deigh d’ar duthaich mu ’n robh rathaidean-mora, no earladann, no batan smuid, no tighean osda a’ freasdal orra. Ciod am barailsan mu mhaise ghleann lochan, ’us bheanntan na Gaidhealtachd. Tha aon a sgriobh fo’n ainm R. Franck Philanthropos, anns a’ bliadhna 1694. (Air a leantuinn air taobh 87). [TD 84] [Vol. 10. No. 11 .p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 13, 1901. Is fheudar dhuinn facal no dha a radh ri luchd-gabhail MHIC-TALLA a thaobh a phàighidh. Tha am paipear so cha mhor gu h-iomlan an eisimeil a luchd-gabhail air son a chumail suas. Agus na ’m biodh na tha ’ga ghabhail ’ga phàigheadh gu riaghailteach gach bliadhna, ged nach eil an àireamh cho mor ’s bu choir i bhith, cha bhiodh dith no deireas air. Ach ’s ann mar a tha gu bheil àireamh mhor a deanamh dearmad air; tha iad ’ga ghabhail ’s ’ga leughadh ’s ’ga thoirt an iasad do ’n coimhearsnaich na h-uile seachdain, ach an còrr cha ’n ’eil iad a deanamh. Tha iad a cheart cho cothromach ’s cho pailt a dh’ airgead riuthasan a tha deanamh an dleasdanais gu riaghailteach; ach far nach bi toil cha bhi gniomh. Tha againn ri innseadh do ’n mhuinntir sin aig an àm so gu feum ath-leasachadh mor tigh’nn orra romh cheann na bliadhna so, no gu ’n sguir MAC-TALLA thaghal orra. Le sin a radh cha ’n eil sinn a ciallachadh gu ’n gearrar de ’n leabhar ainmean muinntir do ’n tachair a bhi beagan mhiosan no eadhon bliadhna no bliadhna gu leth air deireadh; gheibh iad sin, ma bhios iad ann, deiligeadh riutha a reir mar a bha iad a deanamh ’san àm a chaidh seachad. Ach iadsan ris am bheil sinn a feitheamh o chionn àireamh bhliadhnachan, ’s o nach eil taing no duais a tighinn, ’se am pàigheadh an aon ni a chumas an ainmean o bhi air an dubhadh bhar an leabhair. Tha tri miosan gu leth dhe ’n bhliadhna so gun ruith fhathast. Tha dòchas againn anns an ùine sin gu ’n tig an t-ath-leasachadh feumail orra-san a tha air deireadh, agus co-dhiu thig no nach tig, gu ’n gleidh iadsan nach eil air deireadh iad fein o thuiteam ann an cleachdaidhean chàch, oir ’sann riuthasan—na Gàidheil dhìleas—a tha MAC-TALLA ag amharc an còmhnuidh air son soirbheachaidh. Chuala an saoghal le uamhas mu ionnsuidh eagalach a rinneadh air beatha Mhic Fhionnlaidh, Ceannsuidhe nan Stàidean, ann am Buffalo, New York. Beagan an deigh ceithir uairean air feasgar Di-haoine s’a chaidh, ’s an Ceann-suidhe ann an Teampuil a Chiùil am pàirce an Exhibition, chunnacas duine a deanamh a rathaid tromh ’n t-sluagh a bha ’nan sesaamh mu ’n cuairt, mar gu ’m biodh e air son fàilte ’chur air Mac Fhionnlaidh. Bha neapaicin aige air a shuaineadh mu ’n cuairt aon dhe ’lamhan, bha daga aige ’m falach fo ’n neapaicin, agus nuair a bha e mu dha throidh bho ’n Cheann-suidhe, ’s e ma b’ fhior a dol a chrathadh laimhe ris, loisg e da urchair air. Chaidh aon de na peilearan na chom agus am fear eile na uchd. Ann an tiota leum triùir dhaoine air a mhortair, bha an daga air a thoirt bhuaithe agus a lamhan air an ceangal air a chùlaobh. Fhuaireadh am mach gu’m b’e Leon Czolgosz a b’ ainm dha. Tha dochas làidir aig na dotairean a tha frithealadh air Mac Fhionnlaidh gu ’n tig e bhuaithe, ged a tha a bheatha ann an cunnart mor fhathast. Cha b’e so a cheud uair a thugadh ionnsuidh bàis air Ceann-suidhe nan Stàidean. Anns a bhliadhna 1865 chaill an sàr dhuine ainmeil, Lincoln, a bheatha air a cheart dòigh so. Chuireadh urchair ann ’s e na shuidhe ann an taigh-cluich le cleasaiche, agus cha robh e beò ach beagan uairean. Agus anns a bhliadhna 1881 mhortadh Garfield, nach robh na Cheannsuidhe ach mu cheithir miosan. Bha esan beò faisg air da mhios an deigh a thilgeadh. Rugadh Mac Fhionnlaidh ann an Niles, an Ohio, ’sa bhliadhna 1843. Bha e air a thaghadh na Cheann-suidhe anns a bhliadhna 1896, agus bha e air ath-thaghadh a rithist anns bhliadhna 1900. A reir nam fiosan mu dheireadh a thainig mu ’n deachaidh am paipear an clò, tha e ann an suidheachadh iseal, agus cha ’n eil e gle choltach gu ’n teid e am feobhas. Bhiodh e na bhuille throm do na Stàidean a leithid a dheagh dhuine agus de fhear-riaghlaidh glic a dh’ fhaotainn bàis air dòigh cho muladach. Chaidh Gaidheal araidh gu Iamaica o chionn beagan bhliadhnaichean. Rainig e Baile-an-Righ gu sabhailte agus nuair a bha an long air acair anns a’ chala, thainig moran bhataichean mu timchioll a chum na muinntir a thoirt gu tir. Chuir an Gaidheal a threallaich air bord bata anns an robh dà dhuine dhubh, agus rinn e suidhe maille riu. Bha a’ Ghailig aig fir a’ bhata, ach cha robh fios aig a’ Ghaidheal air sin gus ’n do thoisich iad air bruidhinn ri cheile ann an canain nam beann. Ghabh e moran iongantais, agus shaoil e gu ’m bu Ghaidheil a bha annta. Dh’ amhairc e orra car uine agus mu dheireadh dh’ fhoighnich e ri aon diubh, an robh e fada anns an duthaich sin. Fhreagair an duine dubh, “Mu thimchioll sia miosan.” “Mu thimchioll sia miosan!” ars’ an Gaidheal, le guth cagalach; “Sia miosan agus thu dubh a cheana! thoir air ais a dh’ ionnsuidh na luinge mi. Cha bu toigh leam m’ aodann a bhi cho dubh ri sin, ged a gheibhinn de ruma agus de shiucar na bha riamh ann an Iamaica.” REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Reic Mhor Bhrog Brogan laidir is fhiach $1 40 air $ 99 Brogan laidir is fhiach $2 00 air $1 25 Brogan Grinn Dongola $2 00 air $1 35 Brogan Carte $2.00 air $1.49 Brogan Buidhe-bhan $1 50 air $1 10 agus iomadh bargan eile ann am brogan dhaoine a nis ri fhaotainn ann an— STOR BHROG Redden. ROSS BLOCK. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 85] [Vol. 10. No. 11. p. 5] Naigheachdan. Tha Sir Uilleam Van Horne dhe ’n bharail gu ’m bi ceud millein buiseal crithneachd air a bhualadh ann an Iar Thuath Chanada air an fhoghar so. Bidh sin ’na bhàrr anabarrach math, agus ni e soirbheachadh mór a chur air a chearna sin de’n dùthaich. Gu ruige so, cha d’ rinn reothadh no ni eile cron sam bith air a chrithneachd, agus tha a mhor chuid dheth cheana air a bhuain ’s air a chur fo dhion anns na taighean-tasgaidh. Bhrist teine mach ann am baile St. John’s, Newfoundland, Di-ciaduin s’a chaidh, agus rinneadh call mor leis. Thòisich e ’sa mhaduinn agus cha d’ fhuaireadh a chur as gu h-oidhche. Chaidh dithis dhaoine a bha ’g obair a feuchainn ri chur as a mharbhadh. Am measg nan togalaichean a bha air an losgadh bha ochd taighean comhnuidh, agus tri no ceithir do thaighean mora ceannachd. Tha an call uile gu leir air a mheas aig coig ceud mile dolair. Chaidh fear Bernard Lewis a mharbhadh aig aon de mhèinnean Ghlace Bay feasgar Di-ciaduin s’a chaidh. Bha e air a phrannadh eadar da char guail, agus air a leònadh cho dona ’s gun do chaochal e mu ’n dainig an latha. Cha robh ann ach duin’ òg, bliadhna air fhichead a dh’ aois. Tha e iongantach ri innse gu’n robh e air a mharbhadh leis na ceart charaichean a mharbh Mìcheal Mac-Fhionghain aig an Dominion feasgar an latha roimhe sin. Chaidh duine d’ am b’ ainm Calum Mac-Gilleain a mharbhadh leis an dealanach aig Little Sands, E. P. I., maduinn la na Sàbaid s’ a chaidh. Bha e na sheasamh ’san dorus, ag amharc na stoirme, nuair a chaidh a bhualadh. Bha a bhean na suidhe taobh a stigh an doruis aig an àm, ach cha d’ rinneadh dochann sam bith oirre, ged a bha pios dhe’n mhat a bha fo ’casan air an ùrlar air a leth losgadh. Bha an tigh air a mhilleadh gu dona. Bha a chlann ’nan cadal air an lobhta, ach cha d’ rinneadh an goirteachadh bu lugha air gin dhiubh, ged a ruith an dealanach air an t-seòmar anns an robh iad ’nan laidhe. Aig a choinneamh a bh’ ann oidhche Di-haoine s’a chaidh, dh’ aontaicheadh ris an t-suim a bha comhairle ’bhaile ’meas feumail, $257,000, a bhòtadh air son obraichean a bhaile chur air adhart. Tha an earainn a’s motha dhe’n t-suim so air son na h-obair-uisge. Leis an fhàs a thainig air a bhaile o chionn da bhliadhna tha an t-uisge air fas gann, agus feumar tuilleadh uisge fhaotainn. Air an t-samhradh so, o’n thainig an tiormachd, thatar ag uisneachadh uisge na h-aibhne am measg uisge ’bhaile fhéin, ach tha e air innse dhuinn nach eil e fallain, agus gu ’m biodh e glic a ghoil mu ’n rachadh òl. Tha dùil ri Diuc agus Ban-Diuc Chornwall a ruigheachd Chuebec maduinn Di-luain s’a tighinn. An deigh do mhuinntir a’ bhaile sin—seann cheann-bhaile Chanada—am fàilteachadh, theid iad an iar, a’ taghal anns na bailtean air an rathad, agus a’ deanamh céilidh anns gach baile a reir am meud agus an ullachaidh a rinn an sluagh air son gabhail riutha. Ruigidh iad Victoria, ann an Columbia Bhreatunnach, air an darna latha de dh’ October, agus an sin tillidh iad an ear, a ruigheachd Halifacs maduinn an naodhamh latha deug. Air an aonamh latha fichead, fàgaidh iad am baile sin air an turus-cuain dhachaidh. Chaidh fear Mìcheal Mac-Fhionghain a mharbhadh aig Dominion No. 1 Di-màirt s’a chaidh. Bha e ’ceangal da charbad guail ri cheile nuair a bhrist ni eigin a leig na carbadan le buille throm ri cheile, ’s bha esan air a phrannadh eatorra. Bha e marbh air ball. Bha e deich bliadhna fichead a dh’aois, agus bhuineadh e do French Vale. Cha robh e pòsd’ idir. Tha e coltach gu feum cuid de dh’ fhactoridhean càise Nobha Scotia dùnadh mu dheireadh a mhios so. Leis an tiormachd a bh’ ann re an fhoghair tha an t-ionaltradh cho dona ’s gu bheil am bainne gach seachdain a fàs na’s gainne. B’ àbhaist do na factoridhean a bhi ’g obrachadh gu meadhon no faisg air deireadh October. Ann an New Brunswick bha an tiormachd cho mor ’s gu ’m b’ fheudar na factoridhean a dhùnadh ann am mios Ogust. Tha cothrom ri bhi air a thoirt do mhuinntir Shidni a chur an ceill am bheil no nach eil iad deònach làrach a cheannach do obair togail shoithichean ma bhios cuideachd deònach obair dhe ’n t-seòrsa sin a shuidheachadh ann. Tha ’n làrach a tha ’s an amharc an ceann tuath a bhaile, timchioll Rudha Anderson, agus thatar a’ meas gu ’n cosg i eadar leth-cheud us tri fichead mile dolair. Bidh latha air a chur air leth an ùine ghoirid air am faod an sluagh bhòtadh air son no an aghaidh sin, direach mar a bhiodh iad a bhòtadh aig taghadh fir-pàrlamaid. Chaidh an Dotair Krause, a bha roimhe so na riaghladair air baile-mor Johannesburg, a ghlacadh ann an Lunnuinn toiseach na seachdain s’a chaidh air son àrd fhoill. Nuair bha am baile sin a striochdadh do ’n arm Bhreatunnach, b’ esan a liubhair na h-iuchraichean do Mhorair Roberts, agus an deigh sin ghabh e mionnan a bhi dileas do ’n chrùn. Thainig e do Shasuinn o chionn cheithir miosan, agus fhuaireadh a mach o chionn ùine ghoirid gu robh e, o am gu àm, a cur fiosrachadh falachaidh a dh’ ionnsuidh nam Boereach a bha glé chronail do na Breatunnaich. Chuireadh air ball mu dheidhinn a ghlacadh, agus cha ’n ’eil teagamh nach bi e air a pheanaisteachadh a reir a thoillteannais, agus air dhòigh a bhios na rabhadh geur do mhuinntir eile dh’ fhaodas a bhi ris an droch obair cheudna. ’Nuair a bha an comanachadh ann an Catalone, tri Sàbaidean air ais, fhuaireadh fear-cumail taigh-oil a mhuinntir Louisburg an deigh e-fhéin a shuidheachadh anns a choille faisg air a chruinneachadh, ’s e deiseil gu tòiseachadh air creic stuth làidir. Cho luath ’sa fhuaireadh am mach gu robh e ann, chaidh cùnntas mhionaidean a thoirt dha air son e chuibhteachadh an àite, agus an ceann beagan lathaichean chaidh a thoirt gu cùirt, agus an sin chuireadh càin leth-cheud dolair air. Thug sin leasan math cha b’ ann a mhàin dha fhéin ach mar an ceudna do mhuinntir eile dhe sheòrsa. Agus bha sin ri fhaicinn air an t-Sàbaid s’a chaidh, nuair a bha na h-òrduighean aig Marion Bridge; cha do nochd gin dhiubh ris an àite—bha fhios aca gu robh an fhàilte cheudna feitheamh orra. Bha muinntir Mhira aig gach àm comanachaidh o chionn àireamh bhliadhnaichean a’ cur suas le moran mi-riaghailt us aimhreit, a bha air aobharachadh gu h-iomlan le malairt thruaillidh an òil, agus bha lan àm stad a chur orra. Tha sinn toilichte gu ’n deachaidh sin a dheanamh. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. Thig sinn suas ris an fheadhainn a’s fhearr ann an deanamh Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa Bathair-Each. ’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic....... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 86] [Vol. 10. No. 11. p. 6] Domhnall Mor a’ Bhocain. LE DEARG MAC-DHONNACHAIDH. IS ann de mhuinntir Lochabair bha Domhnall Mór, agus is ann anns an dùthaich sin bha e fuireach. Tha e air a ràdh gu’r ann de Dhomhnallaich na Ceapaich bha e agus gu’n robh e pòsda air bana Ghriogarach a Raineach. Bha e ’n a “Dhomhnall Mór,” co dhiubh, iomadh la mu’n d’ fhuair e an t-ath leasachadh air an ainm a rinn “Domhnall Mór a’ Bhocain” deth gu ceann an t-saoghail. Is ann air bliadhna dhubh Thearlaich thachair, agus bho sgiorraman a thachair oirre, a thoisich an ni a bha ann air a bhi gu h-àmhgharach ag claoidheadh Dhomhnaill. Bha air a’ bhliadhna a bha ann, da thuathanach ann an Inbhir-Chadain an Raineach, agus aon chrann aca eatorra. Nuair thàinig gairm an éirigh, chuir am fear mu dheireadh a bha ris an treabhadh dhiubh iaruinnean na croinn am falach ann am bruaichean Allt Chadain agus mach a ghabh e leis a Phrionnsa òg. Ach, mo thruaighe e! thachair dha mar a thachair do iomadh duine eile a bha “treubhach a muigh agus meadhrach a stigh,” agus dh’ éirich a mach air an aon chuairt, cha do thill e tuilleadh. Thuit e agus a aghaidh ris an namhaid, agus bhrùchd an fhuil bhlàth bho a chridhe mach air an fhraoch aig Culfhodair. Bha a ghnothaichean fhéin sgaoilte, a thigh gun a chur an ordugh, agus a theaghlach gun an taic. Deuchainneach agus mar a bha sin cha robh ni ann air nach toireadh ùine leasachadh. Ach bha na h-iaruinnean sin ann agus gun fhios aig an duine aig an robh còir orra no aig duine eile c’àit an robh iad. Na ’m b’e ni air bith eile ach iarunn a bha ann cha deanadh muth no difir, ach na ’m biodh ni air bith a bha air a dheanamh de iaruinn, ’g a chumail bho an neach aig an robh coir air cha ’n fhaigheadh taibhse an fhir bu choireach fois a dheanamh agus cha sguireadh i de bhi a’ tathaich dhaoine gus an cuirteadh an gnothach ceart. A reir a bheachd sin cha b’ urrainn do spiorad an duine a dh’ fhalaich na h-iaruinnean agus a bha mar sin ged nach b’ ann de dheoin ’g an cumail bho a choimhearsnach ann an Inbhir-Chadain, fois a dheanamh, ach b’ fheudar dha bhi a’ siubhal. Bha Domhnall Mor fhein aig Culfhodair is ged rinn e a dhichioll ann thar e as. Mach bho sin cha ’n ’eil fios air bith c’arson is ann ris-san seach a h-uile duine eile a dhluthaicheadh taibhse an fhir a Raineach, ach ge be aobhar a bha ann, no nach robh ann, air roghainn a dheanamh de Dhomhnall is ann air a thuit an aimliog. Bho sin a mach mur robh fois aig an taibhse cha mho bha aig Domhnall. Cha robh car a chuireadh e dheth nach biodh an taibhse ’n a bocan roimhe. Shios is shuas, a muigh is a stigh thachaireadh i air agus bu choingeis leatha fliuch is tioram, sian is feath. Bha na caoban agus na clachan ’g an caitheadh air gach duine a bhitheadh anns an tigh. Cha ghabhadh dorus cumail dùinte, no biadh cumail glan. Cha’n fhaigheadh daimheach no taisdealach oidhche a chur seachad ann an sith. An oidhche bha Aonghas mac Alastair Bhain anns an tigh mhothaich e feadh na h-oidhche ni éigin a’ deanamh greim air a dha ordaig mhoir agus ged a b’ ann an gramaiche a’ ghobhainn bhiodh iad, cha b’ urrainn daibh bhi na’s do-fhuasgladh. B’ olc a bheatha bha ann. Cha robh sin fhein de riarachadh aig an duine sharaichte gu ’m b’ urrainn da a’ radh mar a thubhairt Conan is e air chuairt anns an ait anns nach robh a’ chuideachd a b’ fhearr, “Ma ’s olc dhomh cha’n fhearr dhaibh.” Anns a’ cheud dolamach, shaoileadh an duine truagh an drasda is a rithis gu ’n d’ fhuair e saor is i, agus theagamh mu ’n cuireadh e an ath char dheth fhein, gu’r ann bhiodh i ri a thaobh no ri a aodann. Bha aon oidhche gu h-araidh, le uisge agus sian bha air bhi ann fad thri laithean, bha na h uillt air bhuaireadh ’n an caoir is ’n an deannruith sios thar gach bruach, agus cha robh dol null no nall ann do dhuine beò. Thàinig gean is gàire air Domhnall an uair a chunnaic e an oidhche bha ann. Shaoil leis bho’n nach robh comas aig mhuinntir an t-saoghail fo thuinn dol thairis air uisge ruith, gu ’m faigheadh e aon oidhche fhois, agus leis cho math is a bha e air a dhòigh agus gu ’n robh nithean ann air an do leigeadh dearmad ro fhad leis an anshocair anns an robh e air a chumail, chaidh e ’n a tharruing agus shin e air an cur ceart. Thog e sunnt leis an obair agus bha e ag gabhail air agus fonn aige an uair a mhothaich do ni éigin bhi a’ tighinn am faire dha. Bha bocan Dhomhnaill an sin mar a b’ àbhaist. “Obh, Obh!” arsa Domhnall, “am bheil thu ann agus a leithid so dh’ oidhche? Ciamar idir fhuair thu seachd air na tuiltean mora ruadha so?” “Thàinig mi mu ’n cuairt,” ars’ am bocan cho ciuin, socrach is ged nach deanadh e ach tighinn a ceann eile an tighe. Cha robh aig Domhnall air ach bhi ag cur leis an droch caramh a bha am bocan a deanamh air, mar a b’ àbhaist. Bha e gidheadh a’ feuchainn a h-uile seoltachd air sith fhaotainn. Ghabh e dochas aon uair na ’n teideadh e air imrich gu tigh eile, gu ’m fanadh am bocan theagamh aig an t-sean laraich. Anns a’ bheachd so fhuair e daoine agus sgioblaich iad leotha a h-uile ball beairt ach da chliath-chliata a bha ri taobh an tighe. Mu ’n do rainig na daoine an larach ùr, thug fear dhiubh éigh as agus ghlaodh e, “Nach fhaic sibh an da chliath-chliata ud tighinn as ar déidh as an ceann fhéin!” “Ma tha sin mar sin,” arsa Domhnall, “is co math leam tilleadh. Gheibheadh e an rathad thun an ’tighe ùir cho luath rium MAC-TALLA AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1.00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1.52 DO BHREATUNN, DO NEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE. CEUD mile furain agus failt’ Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh! ’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas O bhliadhn’ gu bliadhn’ An gliocas, tuigse, tur is ceill; An eolas air gach ni fo ’n ghrein; Am meas, an cliu ’s am moran speis, An ear ’s an iar. Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis; ’S a bhuadhan co ni chur an geill Le peann ’s le guth? An t-armunn maiseach, uasal, grinn, A choisinn cliu le luaths a phinn Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir ’S an cluinnteadh ’ghuth. Mo mhile beannachd aig an dream A tha ’toirt aoidheachd dha gach am, ’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall, An am an fheum’: Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar, A choisinn cliu is buaidh ’s na blair, A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath ’S gach ait’ fo ’n ghrein. —Bodachan a’ Gharaidh. THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN-T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN. “Cho Gaidhealach ri Fad Moine.” [TD 87] [Vol. 10. No. 11. p. 7] fhéin, agus bhon a gheibheadh, cha ’n eil mise dol a thoirt mo shean laraich bhlath air son na laraich uir fhuair.” “Tha thu glé cheart,” arsa na daoine agus air ais a ghabh iad air ball. Mar a bha ùine a’ dol seachd, leis na bha e fulang bho riuth a’ bhocain is ann thoisich e air smuaineachadh air cul a chur ri tir a dhuthchais. Eadar am bocan is dol thairis, cha robh e a’ faicinn ach “Dà dhiu, gun aon roghainn.” Mu dheireadh thall dh’ fhas e cho sgith de an droch caramh bha e a’ faighinn is gu ’n d’ fhalbh e thairis math no dona. Fhuair e sith an uair a chaidh e air bord an t-soitheich, agus thoisich e air beagan misnich a bhi aige. An oidhche a rainig iad thall, chaidh e a thoirt sgriob troimh a’ bhaile, agus mu ’n do thill e bha e a’ feorach cuin a gheibheadh e soitheach a bheireadh dhachaidh a dh’ Albainn e. B’e am bòcan a cheud neach a thachair air air an t sraid. “Ciamar thainig thusa an so?” arsa Domhnall. Fhreagair am bocan cho ciùin socrach is a rinn e roimhe, “Thainig mi mu ’n cuairt.” Thainig Domhnall air ais gu Lochabair air a cheud chothrom. Chaidh aige as deidh so air doigh eigin, air toirt air a bhocan am fath air son an robh e a ruith duine beo mar so innseadh. B’ e sin an t-aon ni a bha am bocan ag iarraidh a dheanamh a chum is gu ’m biodh e aig fois, agus na ’n coinnicheadh Domhnall e aig a leithid so dh’ am, gun sgian, gun bhiodaig, gun ni air bith de iarunn a thoirt leis, dh’ innseadh e dha a h-uile facal a bha aige r’a radh. Rinn Domhnall mar a dh’ iarradh air. Dè chainnt a bha eadar e is am bocan cha robh riamh air a innseadh, ach bha so air fhacinn as deidh sin gu ’n deachaidh Domhnall gu h ealamh gu Inbhir-Chadain, gu ’n do bhuirich e anns a’ bhruach gus an d’ fhuair e iaruinnean na croinn, agus gu ’n tug e iad do ’n fhear a b’ fhearr coir orra. Agus b’ e sin a’ chuid mu dheireadh de bhocan Dhomhnaill Mhoir.—Am Bard. Bha ’n Turus Fada. Bha Eoghan Ruadh na chroitear anns a’ Ghlaic fad ioma bliadhna. Bha e fada bochd—gun fhios gu ro mhath ciod a bha cearr air—’se direach a bh’ air “galar fada ’s eug na bhun.” Mu dheireadh thug e ’n leaba air, ’s cha robh e ’g eiridh idir. Bha e fas na bu laige ’s na bu laige gu mu dheireadh an tubhairt an Doctair ri Mairi, bean Eoghain, nach robh uine fada a nis agus gu ’m faodadh i rud air bith a dh’ iarradh Eoghan a thoirt dha, agus ma bha gnothaichean air bith aice ri ’shocrachadh le Eoghan mar bu luaithe a ghabhadh i ’n cothrom air sin a dheanamh gu ’m b’e a b’ fhearr. Cha robh an doctair fada air a rathad ’n uair a ghlaodh Eoghan air Mairi, agus ars’ esan, “Tha mi ’gam fhairichdinn fein a fas lag, agus a Mhairi, tha ni beag no dha a bu mhath leam a shocrachadh mu ’m fas mi ni ’s laige. Cha ’n fada bhios mise leat agus ’nuair a dh’ fhalbhas mi cuiridh tu do ’n Chill-aluinn mi leis na daoine d’ am buin mi agus bheir thu ordugh do na h-uile duine ’sa bhaile tighinn thun an torraidh. Cha ’n ’eil a bheag agam fhagail agad a Mhairi ach ’s leat e uile, ’s am Freasdal ’gad chuideachadh!” Tacan beag na dheigh so ghlaodh e air Mairi agus ars’ esan “A Mhairi tha ’n t-acras orm, a bheil dad agad a bheir thu dhomh?” “Tha,” arsa Mairi ’s i ga thogail na shuidhe ’s an leaba ’s a cur nan cluasagan mu ’n cuairt air. “De thagad,” ars esan, “oir tha mi fann fann.” “Tha agam ’Eoghain, deuran do ‘ghrual tana,” fhreagair Mairi. “Grual tana,” ars am fear a bha ’s an leaba, “gu dearbh nach b’e sin am biadh do dhuine ’s an t-siorraidheachd air thoiseach air!”—Fionn. Bardachd Naduir nan Gall. (Air a leantuinn o thaobh 83.) ag innseadh dhuinn gu bheil ar duthaich air a deanamh suas de “shalachar a thilgeadh a thaobh an uair a chaidh aitreabh ghreadhnach an t-saoghail a chur suas:” gu bheil i “cho fada air deireadh ann am maise agus a tha ’n luchd-aiteachaidh ann am modh agus ann an deadh-bheus.” Tha aon eile dhiu, duine tuigseach, beachdail, a sgriobh mu chuig-bliadhna-deug roimh Chuil-fhodair, Mr. Burt, a’ coimeas mullach nam beann arda ri “ceann sgreabach,” ag innseadh “cho uamhasach agus a tha an sealladh an uair a dh’ amhaircear air ar beanntan o’n ear gus an iar agus a chithear am meudachd anacuibhseach, an cumadh oillteil, agus an dorchadas eagalach a tha eatorra leis an dubhar a tha gach aon a’ tilgeadh.” Ach dh’ falbh an latha so. Thug Seumas MacMhuirich seachad Bardachd Oisean anns a’ Bheurla o chionn dluth air seachd fichead bliadhna; agus riamh o’n am sin tha Litreachas nan Gall agus nan Sasunnach cho lan de mhaise na tìre agus a bha i roimhe sin cho falamh. Coma an traths’ co-dhiu is e MacMhuirich e fhein a rinn “Oisean” no nach e. B’fhior Ghaidheal e a dh’ aon chor. B’e a’ cheud aon a sheinn am port so do na Goill; agus tha iad gu dichiollach ’g a dhannsadh gus an là diugh. D. M‘K. Bha Domhnull posda an darna h-uair agus bha a bhean an comhnuidh a’ feorach dheth co a b’ fhearr leis ise na a cheud bhean a bh’ aige. Cha d’ thug e freagradh sam bith an toiseach, ach bha i ’g a sharachadh, agus aon latha an deigh dhi a cheist a chur ris, fhreagair e gu cas i; “Gu dearbh a Chaorstidh, tha mi a fas sgith dhe’n cheasnachadh sin, ach air m’ fhacal ’s air m’ fhirinn, n’ am biodh Mairi beo an diugh cha bhiodh tusa far am bheil thu.” Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Sidni, C. B. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 88] [Vol. 10. No. 11. p. 8] Marbhrann do Aonghas MacEacharn a chaidh a mharbhadh an California ’s a bhliadhna 1857. LE DOMHNULL MAC-GILL-FHAOLLAIN. ’N sgeula thainig thar tuinn, Sgeula dubhach ar caoidh ’s ar broin, Sgeula cruaidh nach ait leinn, Air an Eacharnach ghrinn nach beo; Tha do bhràithrean dheth truagh, ’S iad gun mhacnus, gun luaidh air ceol, Thu bhi ’n cadal nach gluais, Thall air beanntannan fuar an oir. Gur e t’ fhàgail air chùl ’Chuir do chàirdean gun sunnd ri ’m beò, A chuir snigh’ air an sùil, ’S beag an t-ioghnadh, tha ’n ionndrain mor; Co a sheasas do chliù, Bho ’n la fhuair thu bho ’n bhrùid do leòn, A chuir Ailean ort ùir, Air bheanntanaibh dlùth a cheò? Eadar deas agus tuath, ’S fad ’s a bha thu air chuairt ’s gach cearn, Do mhac-samhuil cha d’ fhuair Riut gu seasamh cha chualas e; Bha thu curanta, cruaidh, Bha do mhisneach ’toirt buaidh air càch, Bha thu treun am measg sluaigh, ’N uair a thogte t’ fhuil uaibhreach, àrd. Cha robh tlachd air gill’ og Nach do thog thu le eolas suas, ’Fhir bu ghrinne mu ’n bhord, Dha robh spiorad, ’s ochoin! bu dual; Na ’m b’e spionnadh do dhorn Bhiodh tu feuchainn le comhraig chruaidh, Bhiodh do naimhdean fo leon, ’S cha bhiodh tusa fo ’n fhod ’san uaigh. Bha thu laidir ’s an streup, Bha thu foghainteach, treun, gun sgàth, Ann an cluich ’s ann an leum, Bu tu ’n curaidh nach eisdeadh tàir; Bha do nàdar math reidh, A co-sthreup ris gach beus a b’ fhearr; Chaill na Gaidheil an reis, Bho ’n la thuit thu ’s nach eirich slàn. Fhir gun ghaise, gun ghiamh, Gun taise, gun fhiamh, gun sgath, ’Rachadh laidir ’san t-stri, Cha do sheas anns a mheinn na b’ fhearr; Cuim nach sgaoilte do ghniomh Ann an eachdraidh, ’s am bial luchd dàin; Sgeula ’s cruaidhe bho ’n iar, Thu bhi ’d shineadh air sliabh fo ’n chlàr. ’S e bhi d’ shineadh fo bhùird, ’Chuir do bhraithrean gun sunnd a d’ dheigh, Gun do chairdean ri d’ chul, Gus do thogail air ghiulan ceum; Gus do chuir anns an ùir— ’Fhir nach tionndadh do chul ’s an t-streup— Dh’ fhag sud deoir agus tùrs’ Air do mhuinntir ad’ dhùthaich fhéin. Chaidh thu, ’Ailean, bho d’ cheil, ’N àm do litir a cheireadh suas, ’N uair a sgriobh thu mu ’n sgeul Nach bu shubhach ri eisdeachd bhuat; Thu thighinn dhachaidh leat fhein, ’S e na shineadh, ’s b’e am beud a luaths; Dh’ fhàg iad thu fo throm chreuchd, A dheagh Mhic Eachran, a b’ euchdach buaidh. Dh’ fhàg thu t’ athair gun sunnd, Bho ’n la ’fhuair e sgeul ùr do bhais, Tha lion-dubh air a ghnùis, ’S trom an t-eallach ri ghiùlan e; Tha do pheathraichean ciùirt, Goirt le tiomadh gun sunnd ri stath, ’S trom an osna ’sa chùil, ’S deoir a tuiteam bho ’n sùil gu lar. Tha na Gaidheil an Iar ’Ga do chumha, ’s gu ’m b’ fhiach thu e, Bho ’n la chaill iad an t-ian ’Bh’ air an culthaobh mar sgiath ga ’n geard; Och, a dhaoine! cha bhreug ’Tha mi ’g innse dhuibh sios le m’ dhàn; ’S tric a dhearbh e gu ’m b’ fhior, ’S e a choisneadh air beulthaobh chàich. Bha thu siobhalt’ a’ d’ chainnt, Cha robh eallach le sannt ort suas, Bha do nàdar gun sgraing, Cridhe duineil, ’s cha b’ ann le fuath; Bha thu caoimhneil ’s gach àm, Bha thu iochdmhor, neo-ghann, gun chruas, Fhir nach leughadh an call, Ged a chosgadh tu bonn na luach. Bha thu ceanalta, suairc, H-uile taobh anns na ghluais thu og, Bha do chridhe mar chuan, ’N uair a shuidhe tu suas aig bord; Fhir a chosgadh gun ghruaim, ’S a phaigheadh a luach le or, B’ fhearr leat onair ’s uaisl’, Na do ghini bhi buan ad’ phoc. Ghleidh thu urram ’us cliù, ’S gun do shaoghal na d’ ùine ach gearr, Bha gath a bhàis air do chùl, Roimh sheachnadh nach lùbadh e; Chuir e Domhnull ’s an ùir, ’S b’ aobhar gearain is diubhail e, Ach ’s e so an sgeul ùr ’Dh’ fhàg Cloinn Eacharn gun sunnd gu bràth. Bho ’n ’s e am bàs ar ceann-crich, ’S eigin striochdadh do ’n Ti a’s mo, Guidheam sonas ’us sith Dha t-anam gun dith ’s e ’n gloir; Aonghais oig a chuil duinn, ’S goirt do chuideachd, ’s e brigh mo sgeoil, Do mharbhrann ga seinn, ’S tusa a’ d’ shineadh air beinn an oir. Cha duisg caismeachd na piob; Cha duisg neach thu le innleachd làmh; Cha soillsaich a ghrian Air do leabaidh, far an triall do thàmh; Biodh ar n-urnuighean dian, Bho ’n fhuair sinn sgeul fior do bhàis: Tha mo dhochas an Dia, Gu bheil t-anam gun phian aig tàmh. Facal a Montreal. Cha bhithinn as aonais a phaipear Ghailig ged bhiodh e not ’sa bhliadhna. Ged nach ’eil mi fhein math air litir Ghailig a sgriobhadh, theid mi troimh na h-uile facal dheth cho luath ris a charbad-iaruinn an la thig e mu ’n caidil mi, le mor thoil. Agus nam biodh a h-uile mac agus nighean ann an Canada aig am bheil Gailig mar tha mise, bhitheadh MAC-TALLA a choig uiread ’sa tha e. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nam bitheadh Gaidheil Chanada dileas air son a Ghailig a chumail suas, nach b’ urrainn iad dolair a sheachnadh gus cuir ’ga iarraidh. Ma gheibh mi misneach mhath bho ’n t-sluagh, Aig ceann gach seachdain bheir mi cuairt, Le comhradh, orain agus duain A chuireas fuadach air gach gruaim, ’Us bidh mo thaic ri cainnt nan Gaidheil, Gu ’m faigh i ’coir ’sa h-àite fhein; Oir ’s iomadh bàrd a sheinn a cliù, Ged tha i ’n diugh ’ga cur air chùl. Eiribh suas ma ta gu dileas ’Dhion bhur dùthcha, ’s cliù bhur sinnsir! ’Us bithibh seasmhach, fearail, cruaidh, An taic MHIC-TALLA mar bu dual; ’S ged bhiodh bhur saothair searbh ’us buan, Cha robh na Gaidheil riamh gun bhuaidh. DOMHNULLACH. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ceannachd Posta. Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu....... Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, CLOIMH! CLOIMH! THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe. Mills, Mac Coinnich & Ross. Air seann larach Iain A. Mac Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 89] [Vol. 10. No. 12. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 20, 1901. No 12. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XVIII. TILLIDH sinn a nis air ais do ’n Ghaidhealtachd. Tha iomadh caochladh ’sa Ghleann o’n a dh’ fhàg sinn e mu dheireadh, ged nach ’eil an ùine ro fhada. Bha fiabhrus gle dhona ’n iomadh cearn de ’n Ghaidhealtachd air a bhliadhna ’chaidh seachad, ’s rinn e droch sgrios ’sa Ghleann, mar ri iomadh àit’ eile. Dh’ fhag e Catriona na dilleachdan, agus mar sin an taing Ailein ruaidh na bu mhotha na bha i riamh. O nach d’ fhuaras guth o Aonghas o’n a dh’ fhàg e tir an fhraoich, bha daoine smaointean nach robh e beò, oir bha iad ag radh nach buineadh Aonghas do ’n treubh a dhichuimhnicheas am pàrantan cho luath ’sa dh’ fhàgas iad an sealladh ’san t-seann nead, agus thionndaidh an t-amhrus so gu cinnt an uair a chual iad nach do rainig an long air na sheòl e a ceann-uidhe riamh. Cha do mhi-chord an sgeul so ri Ailein ruadh idir, agus dheanadh e fhein gach sgeul a bha e ’cluinntinn mu ’n chùis na bu duibhe ’s na bu chinntiche an àm a bhith ’g an aithris do Chatriona, rud a bha e cinnteach a dheanamh, gu h-àraidh na’n cluinneadh e ni dh’ fhàgadh bàs Aonghais na bu chinntiche. Cha robh cothrom nach robh Ailein coir a gabhail gus cuimhne Aonghais a dhubhadh ’s a chur á inntinn ’s á cridhe Catriona. “Rud fortanach dhutsa cuideachd, a Chatriona,” ars’ esan, aig àm, ’s e bruidhinn mar so, “gu bheil an slaodaire mor, le ’theanga shleamhuinn, na bhiadh bhiorach fada roimhe so, ’s mar a biodh tu fhein gun tùr shealladh tu air mar so cuideachd, an sàbhaladh a chaidh ort, oir cha bhiodh agad ach a bhochdainn ’sam brochan dubh comhla ris ri d’ bheò. ’S na ’m biodh fios agad dé bhiodh a chum do mhath, ghabhadh tu gu toilichte agus gle thaingeil mo sheann charaid, an Drobhair breac, aig a bheil fearann agus spreidh, agus gliocas ’na cheann.—Glas, an dubhairt thu? Tha e glas gun teagamh; ach dé dhe sin. Cha’n ’eil e cus os cionn tri fichead bliadhna! Agus smaointich thusa air an spréidh a th’ aige? Tha coig-deug aige de chrodh ballach, boidheach Gallda, agus bha e ag innse dhomh an dé gun do rug an té mu dheireadh dhiubh an la roimhe. Smaointich fhéin, a chreutair ghòraich: coig-mairt-dheug Ghallda, agus coig-laoidh-dheug nan cois! ’s iomadh té a bhiodh gle thoilichte an tairgse ’ghabhail a dhol nan ceann. Agus bha e ag innse dhomh ’n dé gu ’m feum e, mur a gabh thus’ a thairgse eadar so agus ceann seachdain eile, searbhanta fhastadh—nach urrainn e-fhéin ’s a sgalag an gnothuch a dheanamh. Bu tu fhéin a ghòrag gun tùr, mur a gabh, ged nach pòsadh tu e ach air son mi-fhin a thoileachadh ’n déis na rinn mi air do shon. Seall fhéin an t-eòrna ’th’ aige! Cha fhaca mi ’leithid riamh! Agus na mucan—a deich mhora—cha ’n fhaca mi idir an aicheadh!” B’e so, no car dhe leithid, a bhiodh Catriona ag éisdeachd, gle thric moch ’us anamoch. Cha ’n ’eil gruaidh Catriona cho dearg no cho cruinn ’sa bha, no idir a ceum cho aotrom, ’s cha ’n ’eil fiamh a ghàire ri fhaicinn a nis idir air a gnùis bhòidheach. Ged a bha càch cinnteach á bàs Aonghais, bha Catriona ag altrum beagan dòchais fhathast, ged a bha gach ni ag amharc cho dubh, duaichnidh ’s a ghabhadh a bhith. Cha robh i ag ràdh a bheag an aghaidh bràthair a màthar aig àm sam bith, ach leig i fhaicinn dha gu soilleir ann am beagan bhriathran nach pòsadh i an seann Drobhair breac air son maoin, na fear eile. Cha dubhairt i dad ri Ailein an aghaidh gach maoidheadh a bh’ aige oirre air na rinn e rithe. Cha do fhreagair i gun do phàigh i tri fillte e le ’h-obair na ’thaigh o’n a chaidh i ann. Ach ’s ann a bha Ailein còir a nis air son a faighinn far a lamhan, ’s e nis na bhantraich. Mu ’n robh e ach gann mios mar sin thòisich e air smaointean na inntinn fhéin air cho math ’sa fhreagradh tochradh reamhar aon seann nighean mhor Uilleim ghobha ’sa chuid fhéin air a chéile. Air son sin a thoirt mu ’n cuairt thug Ailein ionnsuidh air duine òg a dheanamh dheth fhéin. Ged a bha Catriona trom-inntinneach, rinn i snodha gàire latha ’s i air a dhol a stigh do sheòmar diomhair Ailein ’ga chur air doigh. Bha ann a sin de bhotuil bheaga ’s do chrogain anns an robh, ma b’ fhior, stuthan a dh’ fhàgadh daoine cho suigeartach, òg, aotrom aois fichead bliadhna—a bheireadh air falt glas fàs sleamhainn, dubh—agus na b’ fhearr na sin, a bheireadh air falt fàs far nach robh e, air gach coiseachd latha bha eadar a h-uile gas aonaranach a bha geard seann cheann Ailein ruadh nam bó. Ach gu tubaisteach, co-dhiu ’chuir Ailein an stuth cearr ri ’cheann no nach do chuir, thug e caochladh cruth air co-dhiu, oir fhuair o aon mhaduinn ghrianach, ’s e air dùsgadh o bhruadar thaitneach, (anns an robh e ’ga fhaicinn fhéin le ceann air an robh barr math fuilt) gun ghas idir, ach a h-uile friodhan a bh’ ann a cur fàilte na maidne air air a chluasaig, agus an darna taobh dhe ’n fheusaig aige cho briagha dearg ris an sgarlaid, mar a dh’ fhàs an corr dhe aodann an uair a chunnaic e e-fhéin. Cha robh Ailein idir cho còir ri Catriona o’n a dh’ fhàgadh na thaing buileach i, gun athair gun mhàthair, agus cha robh smaointean idir aige nis air fiach fride dheth chuid fhàgail aice. ’S ann aige nach robh, ’s gun fhios nach ann a chuireadh am freasdal agus nighean mhor Uilleim ghobha oighre air fhéin fhathast. Air son bàs Aonghais a dheanamh cinnteach do Chatriona, rinn Ailean agus an Drobhair breac suas litir eatorra gu Catriona, mar gu ’n tigeadh i á tìr chéin, agus litir eile na broinn, a fhuaradh, ma b’ fhior, air corp Aonghais, a bh’ air a sgriobhadh uice fhéin, agus air an robh choltas a bhith ’san uisge ùine mhor. Cha deanadh an sgoileir a b’ fhearr a mach dé bh’ innte, agus cha b’ ioghnadh, an déis dhi bhith fad mhios an grunnd barailte sàile ann an taigh an Drobhair bhric! Bha iad air an gonadh o nach do bhuail Catriona na basan an uair a fhuair i an litir. Ach cha do leig i ’bheag oirre; ’s docha gu robh amhrus aice air na seòid. Thainig air an Drobhair falbh mu dheireadh gu margadh leis an drobh bheag a bhiodh e ceannach uair ’sa bhliadhna. B’ ann an uair a shaoileadh e ’bhiodh na daoine bochda ’s na bantraichean nan fior éiginn, agus a bhiodh e cinnteach am faighinn gu math saor, a bhiodh an Drobhair breac a ceannach a chruidh. An uair a chluinneadh e fathunn air duine bochd mar so, dh’ fhalbhadh e sgriob, ach cha ghabhadh e direach gu taigh an duine idir. ’S docha gu ’n rachadh e seachad air mile no dha, ma b’ fhior air gnothuch eile, agus air a thilleadh rachadh e stigh a dh’ iarraidh bior-stocainn a dh’ fhosgladh a phiob ’s i air stopadh air, rud a bha nàdarra gu leòr. Ach chitheadh e le deireadh a shùl an damh beag dubh mu ’n rachadh e stigh, agus dheanadh e suas na inntinn fhein dé b’ fhiach e agus an sin dé bheireadh e air. “Tha sibh gu math, a bhean?” thòisicheadh an Drobhair breac. “Dé tha cearr air cas an aighe dhuibh a chunnaic mi muigh ud? O, ’n e damh a th’ ann! Tha ’n ceann aige coltach ri ceann aighe co-dhiu. Bha e crathadh a choise; cha chreid mi nach ’eil at innse. O, ’s docha nach ’eil, ’s docha nach ’eil a bheag cearr air, cha do sheall mise ro mhath air. Dùil agaibh a reic, a bheil? Ma ta, ’bhean bhochd, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil Ruairidh feumach air rud a neartaicheadh e gun teagamh, ged nach deanadh e ach tighinn thun an teine fhéin. Ach tha eagal orm nach bi e soirbh dhut a reic, tha na prisean air tuiteam, cha ’n ’eil cogadh a dol, gu mi-fhortanach, ’s tha ’n crodh cho pailt; bha moran dhe ’n chrodh ’san Tuirc aig an robh da laogh am bliadhna. Tha iad ag ràdh ’rithist, nach ’eil feòil dhamh tha ag ithe an fhraoich ro fhallain. Agus aithnichidh neach sam bith air calg an daimh agaibhse gur fraoch a bheathaich e. Ach nach mi chaill mo shuim! ’s nach robh duil agam ach seasamh. Chum Dughall mor shuas ann a sid mi cho fada. B’ àill leis gun toireadh e orm na daimh aige fhéin a cheannach. Ach (le osna) tha ’n t-airgiod gann, tha ’n t-airgiod gann. Feasgar math leibh, a bhean. ’S mi tha duilich a thaobh Ruairidh. Na ’m biodh greim aige de bhiadh sughmhor fad mios no dha, cha bhiodh duine san dùthaich cho làidir ris.” Rachadh e ceum thun an doruis, ’s sheasadh e. “’S toil leam fhìn Ruairidh, ’s dheanainn rud air a shon na ’m b’ urrainn mi. Agus o’n a thuit dhomh tighinn an rathad tha mi coma (ged a bhios call mor, mor agam as) ged a bheirinn dhut sia tasdain deug air a ghamhainn. Bidh sin agad, a bhean, a dha—dheug—air—fhichead de shiathacha-sgillinn, agus is iomadh greim blasda, làidir a cheannaicheas sin.” Cha ’n ’eil an so ach samhladh de cheannach an Drobhair bhric. Ach ged a bha e deanamh dùbladh, agus na uairean a thri uiread ’sa bheireadh e fhein orra, ’s mar sin a cur ma seach airgiod gu leor, cha robh caileag no cailleach san dùthaich a phòsadh e uige so. Bha e cho féineil ’s nach drughadh e air an inntinn aige idir nach robh iad ’ga iarraidh. Co ’n té a choisich feur a dhiùltadh esan—an Drobhair! ’S ann a bha e smaointean nach robh iad ’ga ghabhail da rireadh idir—gun robh e tuilleadh is àrd os an cionn, ’s mar sin nach b’ urrainn dhaibh a thuigsinn gu ’n robh bean bhuaithe am measg nan cumantan. B’ ann mar so a bha e riarachadh inntinn fhéineil [TD 90] [Vol. 10. No. 12. p. 2] fhéin. Ach bha làn dhùil aige ri Catriona. Ghabh e barrachd dragh air son a buanachd na ghabh e ri gin riamh roimhe. Ach b’ ann air an tochradh ’bha Ailein a gealltainn dhi a bha ’n Drobhair a suiridhe, ged nach robh dùil sam bith aige ’thoirt seachad ’nuair a bhiodh an snaim ceangailte. Cho ladarna ’s gu ’n robh ’n Drobhair gu cumanta, cha d’ fhuair e riamh de mhisneach na thuirt a bheag ri Catriona fhéin. Bha sealladh a bha na gnùis ’ga chumail aig seanachas eile. Ach fhuair e e-fhéin cho tapaidh aon latha, ’s glaine mhath làidir shios aige, ’s gun do dh’ fhosgail e ’n cuspair a bha gus duine sona dheanamh dheth mar so; “Gu—gu d—dé theireadh tu, ’ghra—ghràdhag, na ’n iarradh duin’-uasal thu ri d’ phòsadh? Na—nach tu bhiodh toilichte!” “B’ fhiach e taing a thoirt dha co-dhiu,” arsa Catriona. “Ach cha ruigeadh e-fhéin a leas innseadh dhomh gu robh e uasal. Na ’n deanadh e sin dh’ iarrainn air e-fhéin agus uaisle agus a thairgse ’thoirt gu margadh eile.” “Cha—cha ’n ann mar mhagadh ’tha mi idir,” ars’ an Drobhair. “Cha ’n ann no mise,” arsa Catriona, ’S cha robh ’n corr eatorra. Coma co dhiu fhuair an Drobhair an drobh air an turus so, agus mu ’n d’ fhalbh e leis dh’ fhàg Ailein ruadh e ’n deagh dhòchas le innseadh dha gu ’m biodh Catriona gle thoileach a ghabhail an uair a thilleadh e—gu ’m fàgadh esan a beatha cho mi-thaitneach na thaigh fhéin fhad ’sa bhiodh esan air falbh ’s gu ’m bu bhuidhe leatha ’n tairgse ’ghabhail a rithist. Mar sin làn misnich agus dòchais thog an Drobhair air gu margadh, le chrodh, ’s le chù, ’s le bhata. (Ri leantuinn). Leum an Garadh Far an Isl’e. MA tha mi tuigsinn an t-Sean-fhocail gu ceart, ’s e so brigh a theagaisg. Anns gach ceum do d’ dhleasdanas air thalamh—anns gach ni a thig fa d’ chomhair a bhitheas mar fhiachaibh ort a ràdh no dheanamh, tha do roghainn de dhà dhoigh agad airson do dhleasdanas a choilionadh. Tha aon de na doighean so na ’s ’usa, na ’s seimhe, ’s na ’s modhaile na ’n aon eile; agus tha ’n Sean-fhocal ag iarraidh an doigh is ’usa’s is modhaile ’roghnachadh. Is aithne dhuinn gu leir co bhuaithe tha samhladh an t-Sean-fhocail ag eirigh. Air croitean beaga na Gaidhealtachd tha ’m fearann aitich ’s an t-ionaltradh sgarte o cheile le gàradh. Deireadh an earraich, an uair a theid am pòr ’s a’ ghrunnd, cuirear an crodh, na h-eich ’s na caoirich cul a’ gharaidh dhroma. Cha ’n ’eil, mar is trice, an greim ach lom cul a’ gharaidh; agus chithear, gu minic, an spreidh a’ sealltainn, le suil mhiannach, acrach, air an fhochann ghorm ’s air an fheur dhlù a tha cinntinn taobh stigh a’ gharaidh. ’S ann, mar gu ’m b’ eadh, ri mart òg gun ghò, a tha earail an t-Sean-fhocail, gu litireil air a labhairt. Air bò, no air each, no air caora mhi-mhodhail cha ruigear a leas comhairle de ’n t-seorsa so a thoirt. Tha ’n comhairle ’n an ceann fein. Cha ’n ’eil neach a chunnaic mart a’ cur a cinn tha gàraidh, ’s a beachdachadh gu geur air a’ chuirm a tha fa comhair—a toirt suil luath a sios agus a suas air eagal gu bheil cù no duine ’s an t-sealladh—a tomhas airde a’ ghàraidh r’a neart ’s r’a h-acras fein—a’ toirt ceum air a h-ais ’s air a h-aghaidh dh’ fheuch am faic i bearn no isleach no eadhon àite socrach d’a casan airson a leum, nach aidich ge b’e cho feumail ’s a tha ’n earail “Leum an garadh far an isl’ e” a thoirt air daoine, gu ’m b’e bhi ’cur ime do thigh àiridh a toirt air crodh. “Leum an gàradh far an isl’ e”—ach, nach i ’cheud cheist, an còir an gàradh a leum idir? Cha ’n i so, a charaid, a cheud cheist, no ’n dara ceist. Ann am fior bhrigh an t-Sean fhocail, cha cheist idir i. Tha sinn, gun teagamh, a’ cleachdadh an t-samhlaidh—leum a’ ghàraidh—gu tric, airson a bhi deanamh an ni nach bu choir. Tha ’n samhladh freagarrach; oir, anns an t-seadh so, ’s e ’n gàradh a chrioch a tha eadar am fearann toirmisgte. Cha ’n ’eil teagamh nach ni mi-laghail a tha ’bhò a’ deanamh; agus feudaidh e bhi gu ’m b’i cheud cheist a bu choir dh’ ise fheoraich, co dhiu bha no nach robh e ceart an gàradh a leum, an aite iosal no ard. Ach fhreagair am mart a’ cheist, ma ’s e ’s gu ’n do chuir i i, mar a fhreagras a’ chuid mhor, de ’n chinne dhaonna i, air a doigh fein. Ma dh’ fhaodte gu bheil e cho fior mu chrodh ’s a tha e mu dhaoine gu ’m faigh iad “Tuilleadh beannachd ann an dùil, Na an crùn le bhi ’na sheilbh;” ach cha chum so crodh na ’s mo na daoine toilichte le bhi ’n comhnuidh a’ beathachadh air duil. Is ceist mhor agus chudthromach a cheist so mu leum a’ ghàraidh—cha teid na ’s cudthromaiche mu d’ choinneamh air thalamh. An còir an gàradh a leum idir; agus ma tha so ceadaichte air uairean, c’uin’ is còir agus c’uin’ nach còir; is ceistean iad so a tha tur eadar-dhealaichte, agus na miltean uair na’s cudthromaiche na ’cheist a tha ’n Sean-fhocal a’ dusgadh. Is ceist so a tha buntainn ri ciod tha laghail, agus ciod tha mi-laghail—ciod tha ceart agus ciod tha cearr. Tha ’n Sean-fhocal a’ buntainn a mhain ri ceist gu mor is isle na so—eadhon ciod tha iomchuidh no freagarrach agus ciod nach ’eil. Tha ’n Seanfhocal a’ gabhail os laimh, mar gu ’m b’ ann, gu ’n do shocraich thu a d’ inntinn fein gu bheil e laghail dhuitse, air an àm, an gàradh a leum; agus an sin tha e toirt comhairle ort airson an doigh anns an leum thu e. Mur biodh a’ chuis mar so—na ’m biodh e an teagamh co-dhiù bu choir an gàradh a leum no nach bu choir, bu theagasg cunnartach teagasg an t-Sean-fhocail, oir an sin bu sheoladh e airson euceart a chur an gniomh air an doigh a bu taitniche ’s a bu tearuinte. Cha ’n ’eil earail an t-Sean-fhocail, ma ta, a’ buntainn, ann am fior-bhrigh cainnt chothromaich, ri d’ bhuannachd ’s ri d’ thoilinntinn fein ’s do choimhearsnaich ann a bhi ’cur do dhleasdanas an gniomh. Cha ’n ’eil, mar so, teagasg an t-Sean-fhocail a’ buntainn ris a’ choguis idir ach ris an tuigse. Cha ’n ’eil umhlachd a thoirt d’a theagasg ceart, agus easumhlachd cearr, gu bhi labhairt gu neo-chearbach: ach a mhain buannachdail no caillteach. Bhiodh ar n-Aithrichean gu tric a’ cur dealachaidh eadar Lagh ’us Ceartas agus tha sin comasach, ach dhuinne tha e moran na ’s feumaile bhi cur dealachaidh eadar na nithean a tha mhain iomchuidh no freagarrach. Is ni cunnartach each a chur air teaghair ghoirid ri aodann gairt. Ach ma bheir thu do ’n each a chur air teaghair cho fada ’s gun ruig e air a leoir feoir, cumaidh teaghair gle shuarach á cron e; mur toir, brisidh an t-acras an teaghair, agus cha ’n ann air feur a chromas an t-each an uair a gheibh e ma sgaoil. Is tric a bha mi smuaineachadh gu ’n do ghiorraich sinne an teaghair air uairean gus an deach a briseadh; agus gu ’n cuala mi uair ’us uair teagasg anns an robh feur air a thoirmeasg cho maith ri fochann—an e gu’n robh sùil a’ bhuachaille cho claon no cho dall ’us nach bu leir dha co-dhiu b’e feur no fochann air an robh an treud an tòir? ’S e do bhuannachd an comhnuidh geill a thoirt do earail an t-Sean-fhocail; agus tha mi meas gur e do dhleasdanas e mar is trice. Nach e do dhleasdanas e do ghnothuch a dheanamh air an doigh is lugha dragh dhuit fein ’s is mo toilinntinn do d’ choimhearsnaich? Nach e do dhleasdanas a’ chainnt is modhaile ’s is taitniche a chleachdadh a chum do smuaintean a chur an ceill? ’S e gun teagamh; ach is aon dleasdanas an gniomh a dheanamh no ’chainnt a labhairt, agus is dleasdanas tur dhealaichte an doigh air an deanar an gniomh no air an labhrar a chainnt. Tha slighe an dleasdanais, air a feabhas, docrach, garbh; is e do dhleasdanas cho maith ri d’ bhuannachd an ceum is socraiche thaghadh. Feudaidh amannan teachd anns am fairich thu gur e do dhleasdanas, a chum fianuis fhollaiseach a thoirt an aghaidh eucoir no air taobh firinn shonruichte, an ceum is docraiche ’s is cunnartaiche ’thaghadh. Gheibh thu air uairean cuid de nithean ri dheanamh ’s ri ràdh, anns a’ bheil an doigh air an oibrich thu ’s air an labhair thu cho feumail a shonruchadh ris an obair ’s ris an labhairt fein. Ach cha tachair so ach ainmig. An uair a shocraicheas thu ann ad’ inntinn fein ciod e do dhleasdanas, tha thu, mar is trice, sàbhailte ann a bhi gabhail seoladh an t-Sean-fhocail a chum do dhleasdanas a choilionadh. ’S e Modh ann an cainnt agus Seoltachd ann an gniomh teagasg an t-Sean-fhocail. A’ bheil na feartan so dligheach d’ ar Sluagh? Theirinn gu bheil ann an tomhas na ’s mo na shaoilear; agus co-dhiu ’s e mo bheachd gur fiach fheoraich c’aite ’bheil sinn lag, agus c’aite ’bheil sinn laidir anns na cuisean so. Gheibhear an Sean-fhocal aig na Goill—“Loup the dyke where it’s laighest.” Tha e cosmhuil gu ’n tug an dara Sluagh an Sean-fhocal o’n t-Sluagh eile. Co aige aca ’chinn e, cha ’n fhios duinn, oir bha ’chleachdain o’n d’ eirich an samhladh cumanta do ’n dà Shluagh. Ach co-dhiu a fhuair sinn an Sean-fhocal na thug sinn seachad e, chaidh a theagasg a sheirm ’n ar n-Eachdraidh; agus air aon doigh co-dhiu thug sinn geill do’n teagasg nach d’ thug moran shluagh eile. ’N ar co-luadar ri coigrich, agus, feudaidh mi ’radh, ri càch a cheile, nochdaidh sinn, ann an Gaidhealtachd na h-Alba, ’n ar cànain, ’n ar guth, ’s ’n ar giulan barrachd meas agus urraim na nochdas na Goill. Anns an ni sin ris an abair sinn modh, tha ’n Gaidheal, anns an rioghachd so co-dhiu, fada air thoiseach air a’ Ghall. Cha bhiodh e duilich aobhar no dha fhaotainn ’n ar n-Eachdraidh airson cho teom ’s a tha sinn air urram ’us meas a thoirt seachad; ach tha mi de ’n bheachd nach ann an Albainn a mhain a gheibhear an Gaidheal air thoiseach anns a’ bhuaidh so. Dearbhar gu soilleir, tha mi meas, gu ’m buin a’ bhuaidh so ann an doigh chomharraichte d’ ar Sluagh. Bheir Gaidheil na h-Eorpa barrachd air na Cinnich eile ann am maise an conaltraidh ’s an giulan ann an cuideachd. Tha fios againn nach ’eil Sluagh ’s an Roinn-Eorpa a thig a nios ris na Frangaich ann an suas ’s an grinneas, ’n an giulan, ’s ’n an obair. Airson modh a’ chainnt tha ’m Frangach comharraichte. Agus cha ’n ’eil teagamh agam nach e ’m boinne Gaidhealach a tha ann am fuil an Fhrangaich a thug a leithid de atharrachadh as an Laidinn, neartmhor, riaghailteach, greadhnach mar iadsan a labhair i, ’us gu ’n do thiunndaidh i ’n a Fraingis—cànain, shnasmhor, loinnearach, mhilis, gheur. Ann am Breatunn, cha ’n ’eil teagamh nach labhair na Gaidheil na ’s fearr agus na ’s modhaile, a reir am foghluim, na labhras na Goill. Tha cunntas creideasach againn air urram na Uelseach agus na Manannach ann an labhairt. Co nach cuala mar a shleamhnuich an t Eireannach a’ theanga ri Clach-an-t-sodail; agus co aige nach ’eil fios [TD 91] [Vol. 10. No. 12. p. 3] gu ’n do gheuraich e i gu maith ’s gu ro mhaith ri Leac-na-fanoid? Theirear gu tric agus theirear le firinn nach faighear Sluagh an diugh air aghaidh an t-saoghail, air cho beag foghluim, a labhras cho cothromach, agus a bheir uiread dearbhaidh air bhi faighinn fior thoilinntinn ann am maise cainnt ’us samhlaidh, ann am Bàrdachd ’s an Seanachas, ri Gaidheil na h-Alba. Bheireadh an dachaidh leth-oireach agus caithe-beatha cairdeil nan Ceann-cinnidh ’s nan Uaislean teangadh mhodhail ’us giulan cuirteil do ’n t-Sluagh; agus thug a bhi ghnath ’g eisdeachd Bardachd ’us Sgeulachdan deigh dhoibh air smuaintean àrd ’s air cainnt ghloin nach do dhealaich riu, ged theirig, ann an tomhas mor, na deagh chleachduinean sin. Cha robh eolas Eachainn Thiristich ro fharsuing, ach chuireadh a sheanachas, ann an urram ’s an deisead cainnt, beul sios air moran de Sgoilearan Albainn. “Cuairtear.—An e so Eachann? “Eachann.—’S e so fhein, le ’r cead, na tha làthair dheth; a’ bheil sibh fhein ’n ’ur slainte? “C.—Cha ’n fhaod mi bhi gearan. Co e ’n t-òganach a tha leat an so, Eachainn? “E.—Sgonn balaich as mac dhomh, aig a’ bheil toil seanachas a bhi aige ribh. Thainig sinn á mach á Tirithe le làn bàta, le cead duibhse, de mhucan granda; agus ma tha leth-uair an uaireadair a dh’ ùin’ agaibh ri sheachnadh, tha sinn fior thoileach ’ur comhairle fhaotainn.” ’S e ’n “Cuairtear,” gun teagamh, a sgriobh an comhradh; ach cha ’n ’eil neach a chuala Tiristeach ri seanachas a dh’ aidicheas gu bheil maise no blas cainnt Eachainn air a meudachadh. (Ri leantuinn). Litir a Ceap Nor. A CHARAID:—B’ eigin dhomh am mios s’a chaidh a leigeadh seachad gun sgriob a chur ad’ ionnsuidh, ach ma ’s comasach dhomh ni mi sin suas mu ’n criochnaich am mios so. Cha mhath a tha fios agam ciod a sgriobhas mi. Tha ni-eigin ag radh, Sgriobh mar a’s fhearr a dh’ fhaodas tu mu ’n fhacal a tha gu tric ad’ bheul fhéin agus am beul nan uile—an tiormachd. Tha ’n tiormachd gun teagamh mor. Cha do shil ach beagan uisge o chionn fada. Tha tobraichean tioram nach do thiormaich o chionn moran bhliadhnaichean. Tha sin fior a thaobh Cheap Breatuinn gu leir. Tha moran a gearain nach do shil uisge a bheireadh fàs air toradh na talmhainn, agus a ghleidheadh e gun seargadh le teas na gréine an deigh dha fàs; ach is tearc iad a chluinnear a gearain air an ni a dh’ aobharaich gainne an uisge, eadhon aingidheachd na tìre. Ma rannsaicheas sinn na Sgriobtuirean chi sinn an iomadh àite gu bheil an Tighearna ’gealltainn moran bheannachdan aimsireil dhaibhsan a bhios umhail dha, agus a bagairt iomadh mallachd orrasan a bhios eas-umhail dha. Ann an leabhar Lebhiticus xxvi: 2-4, gheibh sinn na briathran so sgriobhte:—“Gleidhidh sibh mo Shàbaidean, agus bheir sibh urram do m’ ionad naomh: Is mise an Tighearna. Ma ghluaiseas sibh a’ m’ reachdaibh, agus ma ghleidheas sibh m’ aitheantan, agus ma ni sibh iad; an sin bheir mise dhuibh uisge ’n a àm fein, agus bheir am fearann a mach a thoradh, agus bheir craobhan na macharach am meas uatha.” Ann an Deuteronimi xi: 14, 15, tha ’n gealladh so aig cloinn Israel, air chumha umhlachd de thoil an Tighearna—“Bheir mise dhuibh uisge bhur fearainn ’na àm fein, an ceud uisge, agus an t-uisge deireannach, agus cruinnichidh tu stigh d’ arbhar, agus d’ fhion, agus d’ oladh. Agus cuiridh mi feur a’ d’ mhachair do d’ spreidh, agus ithidh tu, agus sasuichear thu.” Ann an leabhar an fhaidh Amois, iv: 7, 8, tha ’n Tighearna labhairt mar so ri Israel—“Agus chum mi uaibh mar an ceudna an t-uisge, ’n uair bha fathasd tri miosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thainig an t-uisge; agus a’ chuid eile air nach d’ thainig an t-uisge, shearg e. Agus shiubhail dà no trì bhailtean gu aon bhaile, a dh’ òl uisge; ach cha robh iad air an sasuchadh; gidheadh cha do phill sibh riumsa, deir an Tighearna.” Tha e soilleir ri fhaicinn o na h-earrannan so dhe ’n Fhìrinn gur e eas-umhlachd do thoil fhoillsichte an Tighearna a tha tarruing mallachd gainne uisge, cho math ris gach mallachd eile, air cloinn nan daoine; agus a tharruingeas fadheoidh mallachd nach gabh atharrachadh air gach aon nach pill le aithreachas tràthail d’a ionnsuidh. ’S cinnteach mi nach e ’shluagh féin a’s ullamh gu ràdh nach ’eil coire sam bith ri ’chur as an leth san air son na tiormachd. Cha ’n iad idir, ged dh’ fhaodas e bhith gu ’m feuch cuid ris a choire gu h-iomlan a chàradh air an cinn, mar rinn Ahab aingidh nuair thuirt e ri Eliah, “An tusa esan a tha ’cur Israel fo bhuaireas,” no mar tha cuid ag eadar-theangachadh, “Am bheil thusa an so, a bhuaireadair Israel.” Ach ciod tha Eliah ag ràdh ris? “Cha mhise chuir Israel fo bhuaireas, ach thusa agus tigh d’ athair, a thaobh gu ’n do thréig sibh aitheantan an Tighearna.” M. D. September, 1901. Australia ann an 1842. THA iomadh feallsanach iomraiteach am barail nach do chruthaicheadh an dùthaich so idir co trath ri iomadh tìr eile; agus gu cinnteach tha mi féin, còr uair de’n bheachd cheudna. Uair saoilidh mi gur ann mar sin a bha—gu’n do dhi-chuimhnich Nàdar rud-eigin eireachdail de na bha na beachd a dheanamh ri càch; agus, mar sin, gu ’n robh i ’na h-earalas an uair a theann i rithe so Uair eile, bithidh mi a’ smuaineachadh gur ann a bha i ’na fòghlumaich ’san àm anns an d’ rinn i càch, agus a’ gabhail cuid a cunnairt de ’h-obair-latha; agus bheir sin gu mo chuimhne mar thubhairt am filidh:— Dh’ fheuch i gu dichiollach, an tòs, Ris an Roinn-Eòrp’ ’s ri Asia; ’S nuair fhuair i ’h-innleachdan ’an dòigh, Chuir i air seòl Australia. Agus, ubh! ubh! cha b’e sin an seol cearbach. Tha an so beanntan air chumadh leth gucaige uibhe, leis a cheann shlàn di os a ceann, mar uidhe bheagan mhilte d’a chéile, an sud ’s an so, le luibhean gorma de dh’ iomadh seòrs a’ borcadh ’mach, mar gum b’ ann a’ comh-strith fais ri chéile, “Anns na h-uile mìr diubh, o’n bhun is ìsle, Gu ionad cìrein na crìch is àird.” Tha na mulain uaine, aghmhor so, air am breacadh, an sud ’s an so, le corra chraoibh bhig, dhosanaich, dhomhail, a tha ’n comhnuidh a’ beò-chrathadh le “eoin bhuchallach, bhreac na coille,” a bhios a’ feadarsaich “air bhogadan, ’s a’ togairt dol a dhannsadh” air bhachd gach geige. Tha na srathan, dá thaobh nam beann so, anabarrach aillidh mar an ceudna. Tha iad an trasa (September) comhdaichte le feur agus luibhean, fo “mhile blath us suaicheantas.” Gach gne fheoir a tha tarbhach agus feumail a thoirt pisich, fais, agus saille air feudail, co aca crodh, caoraich, eich no gobhair. Tha lochain-uisge, mu leud seol luinge—cuid ni ’s mo, agus cuid ni’s lugha—thall ’s a bhos feadh an aite so. Tha cuid diubh so co domhainn a’s nach ’eil fios agam am faighear iochdar aca. Gheibhear iad ’an aiteachan mar dheich mile, ’an aiteachan mar choig, agus an aiteachan mar thri mile d’a cheile. Tha dithis diubh mar urchair-cloiche do m’ dhorus, air am faodadh biorluinn Cloinne Raonuill seoladh. Ach tha aibhnichean, uilt, caochain de gach meudachd, agus lòin, anabarrach tearc. Mar sin, faodaidh duine bochd siubhal gun a chas a fhluichadh fad an latha, agus a leòir òladh ’nuair thig an oidhche. Cha nàr le cuid a ràdh nach ’eil an tuisge so fallain; ach ’si mo bharail-sa, nan òladh iadsan barrachd de’n uisge, agus na bu lugha de’n bhranndaidh, nach biodh euslaint ’us galaran cho lionmhor. Air mo shonsa dheth, a thaobh aimsreach, uisge, agus dùthcha, tha fath taingealachd agam; oir, mur “Do chuidich iad gu fàs mi, Thug iad dhomh slàint’ ’us fallaineachd” gun teagamh sam bith. Agus cha’n ioghnadh sin: cò do nach toireadh sealladh de ’n tìr mu ’n cuairt leigheas-shul? An uair a dhearcas mi, bhàrr mullach cnuic, air gach maoil bhuidhe—gach lag ùrail, agus druim lurach a tha ’m fhianuis,—chì mi a’ choille ’na bearradh dlù-ghorm, gruamach mar bharraibh thonn ri cois traghad, no gàraidh droma ri cùl raoin; ach an uair a ruigeas mi i—ni nach bi idir fad a’ teachd gu buil, le mo steud-each lùthmhor—’sann a bhios a h-aoidhealachd ’s a tlus ’gam’ fhuran féin ’s an ainmhidh gus ar beatha a chaitheadh ’na diomhaireachd. An so, da rireadh, tha “Choill gu h-uile fo làn duilleich, ’S i ’na culaidh bhainnse,” na h-uile latha s’a bhliadhna. Ach cha’n e so fàth mu’m molainn i. ’Se thug an t-urram buileach dhi, gum bheil i co reìdh mu làr, ’s gu ’n greasar seachd cuing dhamh, le feunaidh mhòir cheithear roth, luchdaichte còig ciad mile troimphe gun snasadh ceuma, far nach do chasadh gnùis gheal ri fuaradh riamh roimhe. Tha a’ choille, cuideachd, ’na h-àras feudalach co math ’s bu mhiann le neach fhaicinn. Cha bhi dith no deireas air ceithir-chasan aig am bi beul, fiacail ann no às, a gheibh a’ chead falach-fead a dheanamh feadh nan craobh so. Nach ann a tha ’n tubaist air bodaich pheallach a tha ’paidheadh nan ceud punnd màil ann an tir nam breacan, an uair a gheibh iad an so barrachd farsuinneachd ’s a tha ’m monadh Druimuachdair, agus an t-iomlan de sin ni’s fhear fonn na gàradh-càil a bha riamh aig an athair no’n seanair, airson deich puinnd amhàin sa’ bhliadnna. ’Se so na tha an duin’ uasal fo’m beil dreuchd agamsa a’ pàigheadh, agus gach duin-uasal no an-uasal eile tha ’san àite, ged tha mile ceanna cruidh, agus deich mile fichead caor aige; gun luaidh ’thoirt air tuathanachas do nach faighear samhladh ach ainneamh, an sin no’n so—muileann-bualaidh, muileann-meillidh, muileann-fasgnaidh, agus gach muileann eile ’tha aona chuid fasanta no feumail, air an greasadh leis an aona inneal-toite; ged nach ’eil an sin uile ach earball beag de mhaoin an t-seoid. An uair a sheallas mi ris an àird’-an-iar, chì mi sreath bheann ag éiridh gun athadh, agus a’ sgoltadh nan neul—na Pyrenees, agus mullach na Garbh Bheann. Cha tholmain beaga iad so idir, ach cruachan gualuinneach, dòmhail, a tha ’chòig uireadh deug ri Beinn-a-ghlogha, a h-ogha ’s a h-iar-ogh’. Cha robh mise co ard riutha so fathast, agus cha ’n urradh dhomh dad a radh mu ’m feothas; ach tha mi ’tuigsinn gum beil Gaidheil ni ’s leor a’ tàmh mu ’m bun.—Cuairtear nan Gleann. Is fhearr aon ian ’s an làimh, na ’dhà dhiag air iteig. [TD 92] [Vol. 10. No. 12. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1 00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’s a bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 20, 1901. Mar bha ro choltach an uair thug sinn an t-iomradh mu dheireadh do ar leughadairean, chaochail Mac-Fhionnlaidh, ceann-suidhe nan Staidean. Tràth ’sa mhaduinn Di-sathairne s’ a chaidh, chriochnaich e a thuras anns an t-saoghal so. Bha na lighichean a bha ’frithealadh dha ann an deagh dhòchas dh’a thaobh fad na seachdain, agus cha ’n eil iad fhathast a tuigsinn ciod a dh’ aobharaich a bhàs, oir bha gach cunnart ris an robh dùil aca thairis, agus bha e a reir gach sgeòil a dol am feobhas, agus a fàs na bu làidire gach latha. Ach feasgar Di-haoine thòisich a chridhe ri lagachadh, uaithe sin lean e air tuiteam, agus mu bheul na h-oidhche cha robh dùil ris. Cha robh air ach gu ’n robh e beò gu cairteal an deigh da uair ’sa mhaduinn, nuair a shiolaidh e air falbh gun spàirn, gun osna, cho sàmhach ’s nach robh neach comasach air innse cuin a dh’ fhàg an anail e ach an lighiche bha ri thaobh. Toiseach na h-oidhche dh’ fhàg e beannachd le mhnaoi ’s le chàirdean, agus b’ iad na briathran mu dheireadh a chualas e labhairt: “Is e so toil Dhé: a thoil-san biodh deante, ’s na b’i ar toil-ne.” Tha caoidh mhor air, cha ’n ann a mhàin na dhùthaich fhein, ach anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. Bha e na fhear-riaghlaidh glic, agus na dhuine firinneach, seasmhach, do ’m bu ghnàth bhi deanamh gnothuich a reir mar bha e creidsinn a bhiodh ceart. Chuala sinn uile mu ’n aimhreit a dh’ éirich eadar an Fhraing agus an Tuirc o chionn ghoirid, ’sa bha air a h-aobharachadh leis an t-Sultan a bhi diùltadh pàigheadh air son ceadhachan a chaidh a thogail dha le cuideachd Fhrangach. Le dhol na dhàil ann an ealamhachd mar a rinn i, thug an Fhraing leasan dha nach leig e as a chuimhne an dà latha so. Ach tha e aig a cheart àm so a cur feum air leasan goirt eile, ged tha e na aobhar eagail nach eil e dol g’a fhaotainn. Tha sgeul a tighinn á Armenia a bu chòir gluasad a chur air dùthchannan Criosduidh an t-saoghail. Thugadh ruith sgriosail air an dùthaich bhochd sin leis na Turcaich o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, agus tha iad am bliadhna air tòiseachadh ris an obair cheudna, a mort ’s a marbhadh ’s a creach nan Criosduidhean a chionn gur Criosduidhean iad. Cha d’ rinn rioghachdan na h-Eòrpa cuideachadh sam bith leis na h-Armenianaich an uair a bhatar ga ’n sàrachadh roimhe, agus cha ’n eil gu ruige so an coltas a’s lugha gu ’n dean iad na ’s fhearr aig an àm so. Tha sin na ghnothuch fior mhaslach. Bhagair an Fhraing cogadh air an t-Sultan nuair a rinn e eucoir air cuid de ’h-iochdarain; dheanadh Breatunn, a Ghearmailt, Ruisia agus na Staidean an ni ceudna os leth an cuid iochdaran fein; ach cha chuir aon seach aon diubh bacadh air a chasgradh bhrùideil a tha ’dol air adhart ann an Armenia. Tha Czolgosz, am fear a mhort Mac-Fhionnlaidh, ceann-suidhe nan Staidean, de theaghlach a thainig a nall á seann rioghachd Pholand, a tha nise na cearna de Ruisia. Tha e na dhuin’ òg, agus buinidh e do bhuidheann dhaoine ris an canar anarchists, d’ an rùn gach lagh agus riaghladh a thilgeadh bun os ceann. Thug e bòid gu ’n deanadh e an gniomh oillteil ud air dha éisdeachd ri òraid a labhair boirionnach d’ an ainm Emma Goldman. Tha am boirionnach sin, a reir gach barail, aig bun na cionta, agus, ni a bha ceart gu leòr, chaidh a cur an greim cho luath ’sa ghabhadh sin deanamh. Tha i nis anns a phriosan, agus na maoir a lorgachadh a mach fhianuisean na h-aghaidh. Tha fhios gu bheil àireamh mhor dhe ’n t-seòrsa sluaigh ud anns na Staidean, ach cha’n eil teagamh nach bi bàs muladach Mhic-Fhionnlaidh na mheadhon air an ruagadh air falbh, agus air tuilleadh dhiubh a chumail a mach. Bha dorsan na dùthcha roimhe so ro fhosgailte do gach gnè dhaoine a thigeadh, agus air tàilleabh sin gheibhear an diugh an taobh a stigh d’ a geataibh moran choigreach nach eil na ’n neart sam bith dhi, ach na ’n cunnart ’s na ’n cuis-eagail na h-uile latha bhios iad innte. Is docha gu ’n toirear ionnsuidh làidir a nise air na daoine cronail sin a chumail fodha, a chum gu’ m bi beatha dhaoine,—ìseal cho math ri àrd,—an còmhnuidh tearuinte bho ’n ais-innleachdan. Posaidhean. Ann am Boston, air an dara latha dhe’n mhios so, leis an Urr. Alasdair D. Mac-Fhionghain, B. A., S. T. B., Ph. D, Freeman C. Seavey, á Maine, ri Cairistine I. Dunbar, Loch Ainslie, C. B. Ann an Roxbury, air an aonamh latha deug dhe’n mhios, leis a mhinisteir cheudna, Ian A. Ros ri Anna Nic-Fhionghain, le chéile á Margaree, C. B. Ann an Newtonville, air an 26mh latha de Iun, leis a mhinisteir cheudna, Iain Johnson ri Amelia Davis Nic-a-Phearsain, le cheile a Eilean a Phrionnsa. Ann an Somerville, leis a mhinisteir cheudna, Ruairidh A. Hume ri Mairearat Nic-Eanruig, le cheìle a Eilean a Phrionnsa. Bais. Air a choigeamh latha deug de’n Iuchar, aig a dachaidh féin am Paru Bay, New Zealand, le tinneas cridhe, Fionghal, bean Alasdair Stiubhairt, ’s an Acarsaid Mhoir. Bu nighean i, an ceathramh te, do Choinneach Stiubhart a thainig a Gleann St. Anns. Dh’fhag i ceathrar nighean, agus dithis mhac. Aig Grand Lake, an Catalone, air Di-màirt, an deicheamh latha de September, Uilleam Domhullach, ceithir fichead us ochd bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an Uidhist a Chinn a Tuath. REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Reic Mhor Bhrog Brogan laidir is fhiach $1 40 air $ 99 Brogan laidir is fhiach $2 00 air $1 25 Brogan Grinn Dongola $2 00 air $1 35 Brogan Carte $2.00 air $1.49 Brogan Buidhe-bhan $1 50 air $1 10 agus iomadh bargan eile ann am brogan dhaoine a nis ri fhaotainn ann an— STOR BHROG Redden. ROSS BLOCK. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 93] [Vol. 10. No. 12. p. 5] Naigheachdan. Bha an t-uisge anabarrach gann timchioll nam mèinnean o thoiseach an fhoghair, cho gann ’s gu robh aig cuideachd a ghuail r’a tharruinn àireamh mhiltean air son an obair a chumail air adhart. Bha uisge nan tobraichean, an t-uisge bhatar ag òl ’s ag uisneachadh anns na taighean, gann agus mi-fhallain, agus bha moran tinneis air aobharachadh leis. Ann an Glace Bay bha faisg air ceud aig an aon àm tinn le fiabhrus a thug an droch uisg’ orra, agus ged nach robh e cho dona sin aig na mèinnean eile, bha àireamh nach bu bheag tinn leis an fhiabhrus cheudna. Tha latha ’n taghaidh a dlùthachadh oirnn; ’se Di-ciaduin s’a tighinn latha ainmeachaidh na feadhnach a tha gu ruith, agus an ath Dhi-ciaduin latha ’n taghaidh. Tha cuid de na paipearan loma-lan deasbuid us argumaid, agus cluinnear òraidean drùighteach, taobh air thaobh, air an labhairt ann an tallachan beaga ’s an taighean-sgoile na dùthcha. Ach ’se sin fhéin na chluinnear. Cha ’n eil an àireamh mhor de’n luchd-taghaidh a’ cur suim sam bith ann a’ chùis. Cuiridh iad an roghainn an céill nuair a thig an latha, ach gu ruige sin cha toir an iomguin no an deigh air duine sam bith a chur a stigh no chumail a mach, orra moran caithris a dheanamh. Bha e air innse, am measg nan ceud fhiosan a thainig an deigh an ceann-suidhe Mac-Fhionnlaidh a bhi air a thilgeadh, nach robh cead ri bhi air a thoirt do fhear paipeir-naigheachd sam bith am Mortair fhaicinn. Bha so air son nach biodh cothrom air a thoirt do’n duine bhi deanamh uaill as a ghniomh a rinn e, oir is cinnteach gur h-e an t-ainm a rachadh dheth air feadh an t-saoghail aon de na nithean a bhuair e gus am mort a dheanamh. A dh’ aindeoin a bhacaidh a bha mar so air a chur air luchd nam paipearan, chithear ann an caochladh phaipearan gach cearna, sgeul a mhort air a h-innse, ma’s fior, le Czolgosz fhein, mar a thainig na, inntinn an ceann-suidhe chur gu bàs agus gach car a chuir e dheth gus an d’ fhuair e sin a dheanamh. Tha moran de luchd naigheachd anns na Staidean air nach cuir bacadh tilleadh sam bith; ni iad sgeul as an cinn féin nuair nach urrainn iad sgeul fhaotainn. Tha e air fàs gle choltach a thaobh luchd-obrachaidh an iaruinn a tha nan tàmh anns na Staidean o chionn mios no dha air ais, gu feum iad a dhol air ais a dh’ obair air cumhachan na cuideachd. Tha na h-obraichean-iaruinn a’s motha air feadh nan Staidean air an aonadh fo ’n aon riaghladh, agus tha e na ’s eu-comasaiche na bha e riamh roimhe do ’n luchd-obrach a bhuaidh a’s lugha fhaotainn orra ann an dòigh sam bith. Tha saibhreas gun chùnntas aig na cuideachdan ri’n cùl am feadh ’sa tha an luchd-obrach, gun a bheag a bharrachd air na dh’ fhóghnas dhaibh fein ’s dh’ an teaghlaichean, eadhon nuair is fhearr an suidheachadh. ’S e sin a chuireas crioch air an t-seasamh-mach air an turus so, ged is fheudar ainmeachadh gun do chaill iad deagh-ghean moran de ’n càirdean, a bha meas nach robh reusan ceart aca air seasamh a mach. Tha sin, cuide ris a bhochdainn, ga ’n lagachadh na h-uile latha, agus tha e gle choltach nach ruith moran ùine gus an fheudar dhaibh an t-strìth a leigeil seachad. Di-haoine’sa chaidh fhuaireadh sgeul air Lieut Peary ’s air a chuideachd a tha comhla ris anns an airde tuath o chionn da bhliadhna; thainig an Erik, an soitheach a chaidh g’a shireadh air an t-samhradh so, air ais do Shidni Tuath air an latha sin. Tha Peary anns an fhuar-thir fhathast. Rainig e na b’ fhaide tuath na rinn duine riamh roimhe, agus tha duil aige ionnsuidh eile thoirt air an crann a tuath a ruigheachd deireadh na bliadhna so. Tha e ann an deagh mhisnich, ged tha e aig an àm so a’ fulaig le cois bhriste, ’s ged nach eil ach a tri de mheòirean a chas gun reothadh dheth. Ann an cearn de cheann a deas Eirinn, tha doigh air a cleachdadh leis an t-sluaigh a chum daoine nach eil a reir an cridhe ’s an toil féin a pheanaisteachadh nach eil ri fhaotainn ach gann an duthaich sam bith eile. Tha fear-ceartais ann am bail àraidh de’n dùthaich sin aig an àm so nach urrainn builionn arain a cheannach na’s fhaisge na da mhile dheug air a thaigh fhéin. Cha reic duine ’san astar sin greim bidh no ni sam bith eile ris. Cha’n ’eil e air innse co-dhiubh ’s ann air son e bhi riarachadh ceartais no ana-ceartais nam measg a tha an sluagh cho guineach ’na aghaidh. Rainig an soitheach-cogaidh a bha giulan Diuc agus Ban-Diuc Chornwall baile Chuebec maduinn Di-luain. B’ iad Morair Minto agus Sir Wilfrid Laurier na ceud fheadhainn a dh’ fhailtich iad. Chaidh iad air bord air son gnothuichean a chur air doigh mu’n ligeadh a charaid rioghail air tir. Chuireadh fàilte chridheil orra le muinntir Chuebec agus cha’n eil teagamh nach bi iad air am failteachadh a cheart cho cridheil anns na bailtean a tha rompa. Tha iad a nise air an turus an iar agus iad ri taghal ann an aireamh de na bailtean air an t-slighe. Ma bhios nan comas idir “cumaidh iad air fheill air an latha,” anns gach baile beag us mor anns a bheil iad gu bhi eadar an tighinn ’s am falbh. Tha luchd-riaghlaidh Sidni Tuath an deigh cur mu choinneamh luchd nan taighean-òil ’sa bhaile sin gu feum iad an deigh so an dorsan a dhùnadh agus sgur a chreic aig deich uairean na h-uile oidhche. Bha an riaghailt cheudna aca ann an Sidni o chionn còrr us da bhliadhna, ach cha deach a cumail, agus ma theid a cumail ann an Sidni Tuath, bidh e na ioghnadh. Agus co dhiu theid no nach teid, tha e ’g amharc gle neònach a bhi ’deanamh riaghailtean dùnaidh do thaighean do nach eil an lagh a ceadachadh a bhi aig àm sam bith fosgailte. Tha e nochdadh nach eil cùisean mar bu chòir dhaibh a bhith, nach eil luchd-riaghlaidh no sluagh nam bailtean so cho eudmhor air taobh lagha ’s a b’ e an dleasdanas a bhith. Iadsan a Phaigh. M. Mac Laomuiun, Bail-an-Tobair, E. P. I. Tearlach Mac Coinnich, Elliots, P. O. E. P. I. I. R. Mac-Gill-Fhaollain, Indian River, E. P. I. An t-Urr Gill. Mac-Mhuirich, Sonya, Ont. Calum Mac-an-Leigh, Duntroon, Ont. W. I. Domhnullach, Fleming, Assa. Coinneach Mac-Gilleain, New York. Caitriona Chamaran, Saco, Maine. S. Mac-Neacail, Abhainn Mheadhonach. D. I. Mac Eachainn, Port Hastings. An t-Urr W. A. Mac-a-Phearsain, Bail Iain Mor Dhomhnullach, Abhainn a Bhradain. Iain Mac-a-Bhiocair, Catalone. D. D. Mac Pharlain, S. W. Margaree. Padruig Mac Gill-Fhinnein, Baddeck. Bean R. Dhomhnullaich, Marion Bridge. Bean Dhomhnuill Mhic-Philip, Framboise. Aonghas D. Mac Fhraing, Mabou. Domhull I. Moireastan, Framboise. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn Thig sinn suas ris an fheadhamn a’s fhearr ann an deanamh Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa Bathair-Each. ’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 94] [Vol. 10. No. 12. p. 6] Calanas. THA a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, ionad-còmhnuidh iarmad an t-sìl Ghàidealaich, o nach do bhuidhinn namhaid riamh buaidhlarach, fo chliù agus iomradh air son éuchd agus eachdraidh a tha a’ cur lainnir ghreadhnaich air beanntan na h-Alba. Tha comh-stri nam fineachan a nis thairis; tha an claidheamh-mór air a chàramh anns an truaill—nara tig an là a thig e as!—agus tha an sluagh air gabhail gu gnìomhachais na sith. A thaobh gu bheil ro bheag fearainn anns an duthaich a chumail beolainde riù, feumar ealdhainean agus ceirdean eile a chur air seirm, a chum agus nach bi sliochd nam fineachan uaibhreach agus nan aithrichean mora a ghleidh an saorsainnean leis an laimh-làidir, air an co-eigneachadh le claidheamh na h-uireasbhuidh gu bhith a’ fàgail tir an dùthchais agus an gràidh. Is e bhith a’ deanamh clò aon de na ceirdean a dh’ ionnsaidh a bheil an sluagh air gabhail, agus tha aig an am so slaim nach beag air a cur cruinn anns na cearnaidhean sin far a bheil iad mar so ag oibreachadh na cloimhe. Is ann le suil ri cuideachadh agus seoladh a thoirt doibh-san a tha toileach iad fhein a chuideachadh a tha mi a’ sgriobhadh nam briathran a leanas. Tha e air a radh le fìrinn gu bheil a pris aig gach saothair; agus tha am facal gu sonraichte agus gu comharraichte freagarrach do’n ealdhain so. Tha droch obair daor, biodh a’ phris cho beag ’s a thogras i, am feadh a mheasar obair shnasmhor, choimhlionta, an comhnuidh luachmhor anns a’ mhargadh. Bhiodh e, uime sin, ro iomchuidh a nis, an uair a tha a’ ghne chlò so fo mhiadh cho mor anns a’ mhargadh, nach tugadh an luchd-oibre, droch cliù air le bhith a’ cur oìbre chearbaich troimh an lamhan, agus gum biodh iad a’ stri ri bhith a ghnath a’ toirt barr air na rinn iad roimhe. Feumar a chumail air chuimhne gur da ni eadar-dhealaichte deagh chliu agus droch obair—feumar a’ chiad aon diubh a chumail suas agus an t-aon eile a chumail fodha. Minichidh mi gu gearr comharran sonraichte na h-iomairt agus bheir mi oidhirp air a bhith ag ainmeachadh nan aobharan o bheil droch obair a’ sruthadh, anns an dochas gun dean an luchd-oibre an dìchioll gu bhith a’ dearbhadh le deagh thoradh an saothrach fhéin gur i an fhirinn a tha mi a’ cur an céill. Tòisichidh mi le ciad chéum a’ chalanais; is e sin seòrsachadh na clòimhe; agus labhraidh mi as a dhéigh sin air gach-céum de ’n obair. SEORSACHADH NA CLOIMHE. A chum mìr de chlò snasmhor a dheanamh bu chòir tomhas seòrsachaidh a dheanamh air a’ chloimh; air a’ chuid is lugha rachadh gach bunach a thoirt aisde, oir tha olann gharbh mar sin ealamh gus an clò fhàgail cruaidh agus reasgach ri ’laimhseachadh. GLANADH NA CLOIMHE. Chum an olann a ghlanadh faigh an t-uisge is buige is urrainn duit, agus na biodh e na ’s teotha na gun cumadh tu do lamh ann gun athadh. Le bhith a’ sealltainn gu cùramach ris an dà nì so is feairrde gilead na clòimhe e, agus cha bhi i cho brisg. Gabh luath-fiodha (potash) ammonia, no siabann-bog air son a glanadh agus ma ’s comasach e na cuir soda ga coir, oir tha e ealamh gus an olann fhàgail neo-thlusmhor do ’n laimh. Ma tha an olann fìor shalach fàg am bogadh i car uair no mar sin—agus mar so bidh e na ’s fhasa gach sal a thoirt air falbh. Cuir pailteas uisge ga sruthladh agus leig leis sruthadh aisde. Tha cloimh a’ call bho 20 gu 35 meidhis as a’ chiad de a cudthrom an am a glanadh. TIORMACHADH NA CLOIMHE. Ann an tiormachach cloimhe, ma ’s fheudar a bhith ga dheanamh ann an aite far a bheil cunnart gum bi bileagan fraoich, no feòir, no ni air bith mar sin, a’ faighinn air a feadh, feuch gun cuir thu brata air choreigin foidhpe. Tha cladach dòirneagach, glan, na dheagh aite gu bhith ga tiormachadh. Cha bu choir dhuit a’ chloimh fhagail na laighe fada leth thioram gun a bhith ga tionndadh gu tric. Tiormaich i cho bras ’s a cheadaicheas an aimsir dhuit. DATHADAIREACHD CLOIMHE. Tha sinn air tighinn a nis gu earrainn ro chudthromaich a dh’ fheumas a bhith air a laimhsichadh le tuaiream agus le tuigse. Bu chòir am fior thomhas de na dathan a chuirear an greim a sgriobhadh sios gu cùramach, a los gun dean iad feum air son àm eile, oir bidh so na chuideachadh mor an uair a bhithear a’ deanamh a’ cheart dath a rithist. Bruich an dath an toiseach anns an treasa cuid de ’n uisge, agus an sin cuir an còrr de ’n uisge na cheann a dh’ fhuarachadh na mùgaid. Cuir a’ chlòimh no an snàth anns a’ mhùgaid, agus bi ga thionndadh; fagaidh so an dath coimhlionta. Tionndaidh an snath thairis air bioran fiodha. Cho fada ’s is comasach e gabh dathan a tha a’ tighinn á lusan; cuiridh iad snuadh air an obair. A bharr air na dathan nadurra so, gnathaich no measgaich leo ‘camwood,’ màdar, ‘fustic,’ guirmein, agus mar sin sios; leò sin faodar cuairt chiatach de dhathan a dheanamh. Seachain na dathan ris an abrar anns a Bheurla dathan ‘aniline’ agus ‘alzarin.’ Cha seas na dathan ‘aniline,’ agus chan ’eil moran feum annta air son a bhith a’ dath clò. Tha cuid de na dathan ‘alizarin’ glé mhath ann an lamhan teoma, ach chan ’eil iad freagarrach air son calanas an duine-bhochd, oir feumar MAC-TALLA AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1.00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1.52 DO BHREATUNN, DO NEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE. CEUD mile furain agus failt’ Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh! ’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas O bhliadhn’ gu bliadhn’ An gliocas, tuigse, tur is ceill; An eolas air gach ni fo ’n ghrein; Am meas, an cliu ’s am moran speis, An ear ’s an iar. Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis; ’S a bhuadhan co ni chur an geill Le peann ’s le guth? An t-armunn maiseach, uasal, grinn, A choisinn cliu le luaths a phinn Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir ’S an cluinnteadh ’ghuth. Mo mhile beannachd aig an dream A tha ’toirt aoidheachd dha gach am, ’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall, An am an fheum’: Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar, A choisinn cliu is buaidh ’s na blair, A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath ’S gach ait’ fo’n ghrein. —Bodachain a’ Gharaidh. THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN. “Cho Gaidhealach ri Fad Moine.” [TD 95] [Vol. 10. No. 12. p. 7] amraichean fiodha agus copair a ghnathachadh leò. ARMADH NA CLOIMHE. Air do ’n ghlanadh créis nadurra no fallus na cloimhe a thoirt aisde, feumar a h-armadh a chum agus gun aotromaichear an suathadh a bhios na cardan a deanamh oirre, agus gum fagar an ròinneag na ’s rìghne. Bidh na ’s lugha millidh air a’ chloimh, agus fagar i na ’s buige agus na ’s fhasa oibreachadh. Is e an t-ola is fhearr air son armadh na clòimhe aon chuid an seòrsa ris an abrar ‘olive,’ no ola éisg. Seachain ‘olein.’ Ma bhios e air ullachadh gu math ni e feum mar nach olc, ach gu tric tha e air a mheasgachadh le ‘sulphuric acid;’ agus na seorsachan saora a gheabhar aig ceannaichean gun chogais chan eil annta ach ola a tha air a thoirt á gnè chloich-ghuail, agus ma ghnathaichear iad fagaidh iad an olann cruaidh, agus tha iad duilich a ghlanadh aisde a rithist. CIREADH. Is e an ath cheum ann an obair a’ chalanais cireadh na clòimhe. Tha so chum a deasachadh air son nan càrdan. Feumar gach ni fuadain a thoirt aisde, gach ceus a reiteachadh, agus gu sonruichte gach mùthadh dath a mheasgachadh gu math air a feadh gu leir, a chum agus gum bi an cothlamadh (co dhiubh is dlù no inneach a bhios ann) air a mheasgachadh gu reidh, coimhlionta. Feumar an t-ola cuideachd a sgaoileadh gu mion air feadh na cloimhe. Le deagh aire a thoirt do na nitheannan so bidh na dathnn gu léir air an roinn gu cothromach air feadh a’ chothlamaidh, agus bidh so na chuideachadh mor chum an clò fhagail iomlan snasmhor. CARDADH. Is e a tha anns a’ chàrdadh, mar gum b’ eadh, an ath cheum de ’n chireadh, agus tha e a’ toirt na clòimhe gu cor is co-ionannaiche, air mhodh agus gu bheil i na’s freagarraiche air son a sniomh. Cha mhor nach ’eil e eu-comasach tuilleadh agus a choir de dh’ oibreachadh a dheanamh air a’ chlòimh leis na càrdan-beaga; aig a’ cheart am feumaidh an càrdadh a bhith co-ionann thairis air an abhras gu leir. Ann an togail na clòimhe chum a cur air na càrdan, feuch gun tog thu as gach cuid de ’n abhras i, agus mar so bidh an olann na ’s ro-fhearr air a cothlamadh. Cuir na rolagan gu faicilleach, curamach, lamh riut ann am mùrlainn, ullamh air son an t-sniomha. SNIOMHADH. Is e an sniomhadh a tha a’ cur toinnidh anns an rolaig a rinneadh leis na càrdan. Feumaidh an dlù tuilleadh toinnidh na dh’ fheumas an t-inneach, oir tha aig an dlù ri snàthadh na deilbh agus na fighidh fhulang. Leig leis an rolaig ruith cho reidh, comhnard, ’s is comasach, ag oibreachadh a’ chasain, ma ’s i cuibheal bheag a tha agad, no a’ cur mu ’n cuairt na cuibhle moir aig luaths riaghailteach. CROISEADH AN T-SNATHA. Biodh a’ chrois no a’ chuibheal-iarna agad ann an suidheachadh freagarrach mu ’n tòisich thu air snàth cuta a chur oirre, agus stad cho luath agus a bhuaileas an clag, a chum gum bi an tomhas ceart agad, is e sin 300 slat snàtha. Na ceangail na cuinn ro theann ma tha an snàth ri dhath, a chum gun ruig an dath air an t-snàth gu leir, agus nach fagar buill anns a’ chlò. Ceangail na cutaichean na’n iarnachan, no na ’n cinn anns am bi ceithir no se cutaichean; ach am bitheantas tha tri cutaichean mor gu leoir ri laimhseachadh aig àm a dhath. AN DEILBH. Feuch gum bi fuaidnean a’ chroinn-deilbhe direach, oir aobharaichidh fuaidnean crotach cuairtean las agus cuairtean teann, rud a ni stiallan anns an dlù. Biodh an dlù lan thioram oir fagaidh aitidheachd sam bith muthadh tinnead ann, agus bidh a chomharra air an fhigheadh o cheann gu ceann. Thoir an aire gun criochnaich thu an deilbh mu ’n sguir thu, oir ma dh’ fhàgar cuid di gun chriochnachadh ré na h-oidhche bidh ball air a’ chlo, gu sònraichte ma tha eadar dhealachadh mor eadar dath an dlù agus dath an innich. Ma bhios an snàth dlù bog le bhith gann de thoinneadh, tagh beagan shnàithnean air an deagh thoinneadh air son oirean a’ chlò. Ma tha an dlù fìor bhog bhiodh e cho math treisginn no glaodh a chur air, aon chuid anns an iarna no air a’ chrann-deilbhe mu ’n teid a chur anns a’ bheirt. AM BEIRTEACHADH. Is e an t-uchd-suidhichte is fhearr na an seann uchd-crochte. Tha an t-uchd-crochte ealamh gu bhith ag udal agus a’ bristeadh an dlù. Gabh sliosan iarainn a chumail an dlù direach air a’ gharmain. Feuch gum bi iad air an suidheachadh aig an aon asdar o mheadhon a’ gharmain, agus beagan na ’s fhaide o cheile na bhios an dlù anns na h-iomallan; mar so bidh an fhigheadh na’s fhearr agus bidh na ’s lugha dragh agad le snàithnean a’ briseadh ann an oir a’ chlò. Cuir an snàth air a’ chrann-dlù cho teann ’s is urrainn duit. Bheir so gach geilleachdainn as an t snàth, agus bidh an clo na’s diongmhalta. FIGHEADH A’ CHLO. Mu ’n toisich thu air figheadh a’ chlò feuch nach bi snaithean as aite fhein anns na h-iomallan, no moguil bhriste anns na h-iomallan fhein no bidh so na dhochair mhoir do ’n chlò. Na tarraing sgonn mor aig aon àm bharr a’ chroinn-dlù, ach mir beag bitheanta. Cum an t-slat leòid gu math an aird o ’n gharmain-uchd, agus fuasgail o na h-oirean i aig crioch obair an la. Feuch gun tarraing thu an t-slinn air a h-adhart an uair a bhios sgaradh an ’dlù fosgailte, oir is ann is fhearr a theid a’ chuairt innich a sparradh g’ a h-àite fhein. Bi a ghnàth furachair air son shnàithnean briste, agus na fag air chor sam bith aon diubh gun cheangal. Na biodh cuairtean briste agad anns an inneach. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM-CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m.Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locrachean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Sidni, C. B. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI., - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI., - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 96] [Vol. 10. No. 12. p. 8] Impireachd Bhreatuinn. LE D. MAC EACHARAN. AM BARD. A ghrian tha ’g éirigh thar mhonadh, A’ sealltainn romhad ’s a d’ dhéigh, ’S a’ gluasad mu ’n cuairt an domhain, Le freumh an toraid fo d’ sgéith, Thoir dhomhsa sgeula do thuruis, O’n thog thu umad an dé: Na chunnaic ’s na chual’ thu ’d’ shiubhal Air uachdar a chruinne ché. ’Bheil Breatunn a’ gleidheadh a h-àite ’Measg rioghachdan làidir treun, No bheil a treise ’ga fàgail, Mar thachair do Bhàbilon fein? A’ GHRIAN. Air ’chuan tha luingeis gun àireamh, ’S a’ mhuir dhaibh mar fhàsaich luim, ’Triall air an turus cho sàbhailt, ’S ged bhiodh iad air àird an fhuinn. Cabhlaichean Bhreatuinn ’s gach àite ’S am faighear sàil’ air son luing; A bratach ’s na croinn a’s àirde Air faiche ’s air bhàrr na tuinn. Air faidead mo chuairt ’am mhor-chrios, ’Am shealladh tha ’n leoghann garg; ’S gun eilean ’an cuan, no mor-thir, ’S nach fhaic mi an cota dearg. A h-uachdranachd thar nan Innsean, Bho Indus gu Mandalay; A cumhachd a dh’ fhàs troimh linntean, Cha lugha e ’n diugh na ’n dé. ’Sa mhoch-thrath ’n diugh anns a chearn sin, Do mhuillionaibh sàraicht’ sluaigh, Thug Breatunn an aran làthail, Mu ’n d’ mhosgail thu, bhàird, a’ d’ shuain. Measg ghinealach lag, ’s e ’h-àbhaist, Bhi ’togail an àird an t-sluaigh, ’S a’ tagairt an cùis ’s gach àite, ’S gu minic an cànain chruaidh. Gun chearn, gun earrann de ’n t-saoghal, No eilean a dh’ fhaoidte ’luaidh, ’S nach ’eil a teachdairean saoithreach A’ teagasg gu saor an t-sluaigh. Sheall mi air fearann nam Phàraoh, Do Iacob, fearann na daors’; Tha Breatunn, an diugh, ’ga àiteach, ’S aig ciomach is tràill tha ’n saors’. Ach chreachadh na h-àitean àrda; Tha Memphis na sgàrnach gharbh; Tha Luxor, is Thebes, is Kàrnak Mar thannasg nan là a dh’ fhalbh. Theich Isis, Amon, ’s Anùbis; Tha ’n teampuill gun chùirt, gun dealbh; Tha Memnon-labharr’ gun dùrd ann, ’Na laidhe na thùrais bhalbh. Ged theich na dée is nach d’ fhàg iad Ach aingeal a bhàis ’s an fhonn, Tha spiorad a’ chota sgàrlaid ’Cur smior anns na cnàmhan lom. Bho Chairo gu Ceap-an-Dochais Tha rathad na leoghainn réidh; ’S a dh’ aindeoin farran luchd-comhstri, Tha ’lorg anns gach ròd na déigh. ’Nuair thugadh do Bhreatunn dùlan, Le buidheann do Dhùitsich bhreun, Ghrad thionail a clann ’s gach dùthaich, Is sheas iad r’a cùl gu treun. Bho Labrador gu Alaska; Thar fad is farsuinneachd fuinn; ’Nan uidheam—an t-each ’s am marcaich’, Gu ’n d’ eirich gu bras na suinn. Mar sin ’s Astralia chomhnard, Cho pailt ann an or ’s an ni, Chuir i, gun sireadh, an comhlan A sheasadh a’ choir ’san stri. New Zealand, cha ’n i bu tàire, Le bannal de dh’ àrmuinn chruaidh; Nach biodh air dheireadh ’san àraich, ’S nach tilleadh o’n bhlàr gun bhuaidh. Ghabh Breatunn, mar sin, is dh’ àitich, Na h-ionada fàs gun duais; Ach thig iad a nis le ’n àlach, A chumail a gàirdean suas. Mar sin a shuidhich i ’n stéidh sin, O’n d’ éirich cumhachd a’s àird’ Na bha aig Persach no Greugach, Aig Caésar, Sultan, no Tsàr. Chunnaic mi so air mo thurus, Mar chi gach duine d’ an léir; Ach thug mi fainear a bhunait, O’n d’ éirich cumhachd d’ a réir. Creid mi, tha cumhachd a’s àirde Na bhuineas do ’n àraich bhréin; An cridhe glan, agus bàigheil, Na ’s treise na ’n gàirdean treun. Aon rùn a ruith troimh na linntean; Aon inntinn anail gach té; Mar bha ’s e bhitheas ’s bi cinnteach, Nach cinn an togail gun steidh. Ach ’s mithich dhomhs’ a bhi ’g aomadh, Cha ’n ann air an taobh so ’mhàin, ’Tha impireachd Bhreatuinn sgaoilte, Tha ’n talamh d’ a saothair làn. AM BARD. Mo bheannachd, a ghrian, a’ d’ chuideachd, Le beath’ na cruinne fo d’ sgéith; Is tusa gu fialaidh ’chuireas, Anail ’an cuinnean gach cré A choimhead do ghlòir, na flurain, A’ tionndadh an sùl a’ d’ dhéigh; ’S a’ cromadh an cinn gu tùrsach, ’Nuair chaillear thu cùl an t-sléibh. ’Nuair theid thu ’san iar fo dhubhar, ’S a chiaras uinneag nan speur; Bidh talamh is iarmailt dubhach, Gu tiamhaidh ’sruthadh nan déur. Do bhurraidh a mhàin, a lòchrain, Tha teagasg do sgeòil gun bhrigh; Ach, eadhain ’an cùis na còrach, Cha toigh leam an dòrn gun chlì. Calanas. Bi cinnteach gun cuir thu a stigh an spàl le iteachan ùr direach aig an aite anns an do theirig an snaithean roimhe. Is iad ‘twills’ ceithir-chuairt chumanta is freagarraiche air son clò Ghaidhealaich. Biodh da spàl no an corr agad an greim, eadhon ged nach bi agad ach aon dath innich, oir ni so clò moran is grinne agus is coimhlionta. PIOCADH A’ CHLO. Gearr air falbh gach fuigheag agus snaim a bhios air an aodach, agus càirich gach beud a dh’ fhaodas a bhith air tachairt da, mu ’n teid a luadh, agus cuir casa-feannaig leis an t-snathaid-mhoir thairis air cinn a’ chlò a chum ’s nach bi e a’ sgeith an àm a luadh. AN LUADH. Gnathaich ‘potash,’ siabann, agus maistir (fual). Nigh an clò gu math air a’ chliath-luaidh, agus sruthail e le pailteas uisge. An uair a bheirear an t-ola gu leir as, cuir beagan tuilleadh siabainn air, oibrich a rithist air a’ chliath-luaidh e, gus am bi e cho tiugh ’s is math leat. Sruthail an clò gu math a rithist, agus fill air bòrd còmhnard e. Leig leis laighe mar sin fad oidhche, a toirt gach preasaidh as, an sin tiormaich agus rol a suas e, agus bidh e deas air son a’ mhargaidh. [A leabhar beag a chuireadh a mach le “Comunn Gniomhachais nan Gàidheal” ’sa bhliadhna 1895, air a sgriobhadh am Beurla le Walter Armstrong, agus air eadar-theangachadh gu Gailig le Iain Whyte.] De Witt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. NUAIR A BHIOS TU.... ag uidheamachadh taighe tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinn ’s is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhe—coig piosan—air $35.00. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manger, Charlotte St. Brogan Saora. Brogan matha dhe gach seorsa—Brogan Fhear, Brogan Bhan, Brogan Cloinne, na seorsachan a thatar a cosg an cumantas, no mar a theirear riutha, Brogan Obrach. Tha iad so ri ’m faotainn gu saor aig Mills, MacKenzie & Ross. Air seann larach Iain A. Mhic Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto, Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 97] [Vol. 10. No. 13-14. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 4, 1901. No. 13-14. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XIX. FHUAIR an Drobhair breac bhuaithe an drobh mu dheireadh, agus le sporan math, reamhar bha e air a thurus dhachaidh. Bha e ’taghadh gach rathad a b’ aonaranaiche na chéile romh dhùthaich nan Gall, oir b’ fhearr leis an Drobhair a mhaoin a bhi far am faiceadh e i na fo ghlasan stàillinn am banca sam bith. Bha e gu math subhach a tilleadh, oir chaidh leis gu math, agus rud nach b’ àbhaist dha, ged bu toigh leis e, bha botul dubh air a shiubhal de dh’ uisge-beatha cho saor ’sa gheibheadh e, a cheannaich e le ’airgiod fhein. Air an rathad romh ’n mhonadh dh’ fhàs an latha gu math teith, agus bhuail pathadh mor an Drobhair. Thug e mach am botul ’s chum e tacan e eadar e ’sa ghrian, mar gu ’m bitheadh e ’tairgse drama dhi, ach ’sa mhionaid thionndaidh am botul a mhàs ris na speuran ’s chàirich e ’cheann an craos an Drobhair. Am mach bhuaithe sin bha ’m botul gu math tric ris a chleas so, ach ’s ann a bha pathadh an Drobhair a sior fhàs na bu mhotha. Bha e triall mar so, am botul na ’laimh ’s an sporan ’s an te eile, ag òl air a shlàinte fhéin ’s a gabhail oran, gus na thràigh e ’m botul. An sin thòisich am monadh ri droch dhiol a dheanamh air an Drobhair bhreac—far an saoileadh e gnoban a bhi air son a chas a chur air ’s ann a bhiodh ann lag ’n uair a bhualadh i ann, ’s an uair a leumadh e thairis air clais’ uisge, bha chlais a’ leum air thoiseach air ’sa stad direach far an saoileadh i am bualadh casan an Drobhair. Mu dheireadh bhual an cadal e, ach ghabh e curam dhe ’n sporan mu ’n do ghéill e dha, le ’ghleidheadh gu cùramach ’sa bhoneid ghuirm ’sa ceangal gu teann, cruaidh mu cheann. Bha ’n cleas so na chleachdadh aig an Drobhair bhreac, oir bha e gle theoma, agus bhiodh e giulan sporan bréige eile na phòcaid air son saothair robairean a phàigheadh, ma ’s e ’s gun tachradh dhaibh ionnsuidh a thoirt air an spuilleadh, rud a rinn dithis dhe na h-òganaich sin air an turus so, an uair a fhuair iad e na chadal. Fhuair iad air falbh leis a chreich, co-dhiu, mar a bha dùil aca, ged nach b’ fhiach an seann sporran ’s na bha na bhroinn de sheann phràisich tri sgillinn, mu ’n do nochd dithis òganach eile bha gabhail na slighe cheudna ris an Drobhair. Tha ’n dithis so a tighinn gu math sunndach, ’s an aghaidhean air a Ghaidhealtachd. Agus air dhaibh tarruinn dlùth saoilidh mi air an gluasad gu ’m faca sinn iad le cheile roimhe so. “O, nach taitneach am fraoch fo ’m chois aon uair eile, Aonghais,” ars’ am fear bu lugha dhe ’n dithis. “’S gann a theid agam air mi-fhein a stamhnadh ri coiseachd idir, ach ruith ’us leum. Agus gu dearbh tha bhlianag ghorm so air thoiseach orm na buaireadh tuilleadh ’us làidir air mo shon, agus mar ’sin slàn leat an dràsd,” ars’ esan, ’s e toirt na roid ud as. “O ’Chalum, a Chalum,” ars’ Aonghais, (oir b’ iad a bh’ ann gun teagamh), ’s e deanamh gàire, “’bheil dùil agad fàs glic gu bràth?” Ach am meadhain ruiteis Chalum sheas e cho ealamh ’s ged a rachadh peileir ann, ’s e air tighinn tarsuinn air duine marbh, mar a bha dùil aige ’n toiseach. “Greas do cheum, ’Aonghais,” ars’ esan; “tha seann duine an so a tha marbh, no faisg air a bhi marbh co-dhiu. Agus ma tha e marbh ’s e ’n gliocas dhuinn an t-àit’ fhàgail cho luath ’sa ni ar casan e.” “’S fhad o bhi marbh mo laochan!” ars’ Aonghas [?] e cromadh. “Ach tha e marbh air an daoir[?] cha ’n ioghnadh, ma thràigh e am fear dubh ud!,” ’s e toirt a bhotuil á laimh an Drobhair. An uair a dh’ fhairich an Drobhair breac a bhi ’ga phutadh ghlaodh e, “Coig-tasdain-deug ’s gun sgillinn ach sin!” Bha ’n Drobhair còir a ceannach gamhna ’san àm, ’s cha ’n ’eil teagamh nach robh e air deagh bhargan fhaighinn mar a b’ àbhaist, na ’m biodh na gillean air leigeil leis na shìneadh greiseag eile. Ach dhiùlt casan an Drobhair a ghiulan, ’s mar sin b’ fheudar dhaibh a chuideachadh gu taigh cìobair a bha faisg air laimh. Fhad ’s a bha iad a sàs ann bha ’n Drobhair a cumail a dha laimh gu teann, cruaidh ma cheann, ’s ag ochanaich, a dian a sporain, ’s truas mor acasan ris, a smaointean gur ann am fiabhrus a bha e. “An duine bochd!” arsa Calum, “bheireamaid dheth a bhonaid ’s cuiridh sinn uisge fuar air a cheann?” “Cha chuir, cha chuir,” ars’ an Drobhair, ’s e air a ghuth fhaighinn. “Ma ’s ann a dol ga ’m mharbhadh a tha sibh, a robairean, fàgaibh a bhonaid mu ’m cheann, air neo bidh mo thathasg ga ’r leantuinn gu bràth!” “Na biodh eagal sam bith ort romhainne,” ars’ Aonghas. “’S e Mac-an-tòisich is docha sin a dheanamh ort, ma bhios tu ’ga ghiùlan á mòintich fhàsail mar so.” An la-iar-na-mhàireach bha an Drobhair breac dòigheil gu leor. Agus an uair a thuig e nach ruigeadh e leas eagal a bhi aige romh na daoin’ òga dh’ fhalbh e nan cuideachd toilichte gu leor. Air dhaibh a bhi triall le ceum math, sgairteil mar so gu feasgar, thòisich an Drobhair ri fàs gu math sgìth, agus mu dheireadh b’ fheudar dha suidhe aig bruaich sgala chas a leigeil analach. Gu tubaisteach, co air a shuidh an Drobhair ach air muin nead sheilleinean beò, agus faodar a thuigsinn nach robh e fada ’g eirigh. Ach bha ’n Drobhair misneachail, agus air dha faileadh na meala fhaighinn bha e air son a blas fhaighinn cuideachd, ’s e fann. Agus cha b’e ’n Drobhair an gille nach deanadh strith chruaidh air son rud sam bith a rachadh aig’ air fhaighinn a nasgaidh! Chaidh an Drobhair a sàs ’sa mhil, ’s chaidh na seilleinean a sàs ’san Drobhair, ’s mu ’n d’ fhuair e cuibhteas iad, cha ’n aithnicheadh a mhàthair e. Bha e ’ga roladh fhéin air a chnoc air son an sguabadh dheth, gun chuimhne gu robh e air bruaich chas, gus an d’ fhuair e e-fhéin aig a bonn, le cas bhriste. B’ fheudar do na gillean a ghiùlan aon uair eile gu taigh-òsda beag anns an robh dùil aca ’n oidhche chur seachad. Ann an sin fhuair iad gun robh ’n aodann aige air at cho dona o ghath nan seilleinean ’s gu ’m b’ fheudar dhaibh fuar-lit’ a chur air gu ’dha shùil. B’e ’n dotair a rinn so an deis a chas aige ’chur air doigh. Agus air son ’s gu ’m faigheadh e ’anail rium iad toll mu choinneamh a bheòil, anns na chuir iad piob bheag, mu shia oirlich a dh’ fhad, agus tromh ’m biodh e gabhail rud a chumadh beò e cuideachd. Bha ’n Drobhair bochd ’na shealladh iongantach a nis. Agus air do bhean an taighe tighinn ’ga amharc, an uair a fhuair iad air doigh e, thuirt i ris na gillean, “C’àit’ air an t-saoghal na leon sibh a ghuilbneach mhor so,’illean? ’S ann dhuibh fhein a thigeadh a dhol a shealgaireachd!” Thug an Drobhair sùil ghruamach oirre, ’s cha ’n ’eil teagamh nach robh e ’ga beannachadh romh ’ri fheadan. Dh’ fhàg na gillean an Drobhair air a dhruim direach ann an so, far am feumadh e fuireach fad iomadh latha mu ’n toireadh a chasan dhachaidh e, agus ghabh iad air adhart gu ’n seann dachaidhean fhein. Dhealaich iad mu dheireadh, an deis iomadh latha bhi comhladh, agus ghabh gach fear gu ’dhachaidh fhéin, a gealltainn a dhol a dh’ amharc a chéile mu ’m fàgadh iad slàn a rithist aig tir an fhraoich. Fhuair Aonghas gach ni car mar a dh’ fhàg e, agus bu mhor an toileachadh a rinn iad ris. An deis beagan làithean a chur seachad an taigh athar, chaidh Aonghas sgriob a dh’ amharc caraide ’bha comhnaidh an cearn eile dhe ’n dùthaich. Cha ’n ’eil teagamh nach ann a thaobh an caraide so a bhi fuireach faisg air dachaidh Catriona a chaidh Aonghas ’ga amharc cho luath, a toirt de thombaca thun an duine chòir na chumadh ceò ris fad da bhliadhna. Ràinig e oidhche Shatharna, agus an deis dha fàilt a chur air a chàirdean smaointich e, o’n a bha gealach ann, gun gabhadh e cuairt feuch dé thachradh ris. (Ri chriochnachadh ’s an ath aireamh). Leum an Garadh Far an Isl’ e. IS e mo bheachd gu ’n dearbh ar canain air doigh no dha gur Sluagh sinn aig a’ bheil baigh ris na feartan a tha deanamh suas “modh.” Tha ’Ghaidhlig, gun amhurus, ’n a “Cainnt laidir ruidhteach, is neo liotach fuaim;” ach ’se teisteanas Dhonnachaidh Bhain is firinniche mu fhior ghne na canain:— “A’ sugradh ’s a’ bruidhinn le cheile, A’ togail eibhnis, mir’, ’us manrain; Siobhalta, farasda, beusach, Am beul gach neach a ta narach.” Bheirear air aghaidh mar dhearbhadh air modh nan Greugach cho buailteach ’s a bha iad do bhi toirt seachad am beachd air dhoigh sheimh, theagmhach, mar gu b’e ’m miann eadhon an nannhdean a thoileachadh. Tha am feart co na’s comharraichte ’s a’ Ghaidhlig na eadhon anns a’ Ghreugais. Cha ’n ’eil neach a dh’ amhairceas roimh ’n Ghràmar Ghaidhlig nach faic gu bheil sinn easbhuidheach anns na doighean labhairt a dhearbhas ’s a dh’ àich’eas. Cha ’n ’eil “no” no “yes” idir againn. ’S iad a’ chuid is deise de’n Bheurla; ach cha ’n fhaighear ’s a’ Ghaidhlig iad. Cha’n abair sinn “tha” no “bha” ach ainmig; ’s e “bithidh” us “bhitheadh” a roghnaicheas sinn. Tha sinn teom air fiosrachadh a thoirt seachad mar gu ’m b’ ann a’ feoraich a bhitheamaid. Tha sin cleachdta bhi labhairt oirnn fhein ’us air an aon ris a’ bheil sinn [TD 98] [Vol. 10. No. 13-14. p. 2] a’ bruidhinn mar gu ’m bu neach eile bhiodh ann—“An e so Eachann? ’S e so fhein na tha lathair dheth,” &c. Tha mi meas gu bheil a’ chleachduinn so ag eirigh o’n rùn a bhi cur toil neach eile an aite ar toil fein—“ann an urram a’ thoirt toisich gach aon d’ a cheile.” ’S e an aon bhuaidh inntinn a thug dhuinn na h-uiread de fhocail airson ar graidh do chach a’ cheile chur an ceill; agus gu h-araid an doigh labhairt ris an abair iad ’s a’ Bheurla “Euphemism,” agus ’s an aite d’ am buin mi “beul-boidheach.” Mar so their sinn an aite “bhasaich e” no “dh’eug e,” “shiubhail e, chaochail e;” agus mu neach a tha marbh, “Am fear nach ’eil a lathair, Am fear nach maireann.” Anns an Sgireachd ’s an do thogadh mi, ’s e “A ghin mhaith” a theirear ris an aon mu dheireadh de chluain uirceinean a tha, mar is trice, moran na ’s lugha ’s na ’s laige na ’n corr; agus ’s e “Am bogha samhach” a theirear ris a’ chreig air an àirde bheucas an tonn. Ach foghnaidh so an traths’. Dh’fhaodte deagh leabhar a sgriobhadh air an rian so ’n ar canain ’s ’n ar litreachas. Dearbhaidh ar canain ’s ar n-Eachdraidh gu’m bu daoine modhail, cuirteil ar n-Aithrichean, ’n an cainnt ’s ’n an giulan. Anns an rathad so, codhiu, thug sinn làn umhlachd do theagasg an t-Seann-fhocail. Ach air an laimh eile, an robh sinn cho seolta ’n ar gniomh ’s a bha sinn cho modhail ’n ar cainnt? Their aon de’r Sean=fhocail, “Theid seoltachd thar spionnaidh;” agus aidichidh sinn gu bheil an radh fior. Ach a’ bheil sinn an comhnuidh ’n ar n-obair a gleidheadh na firinn air chuimhne? Theirear gu tric nach ’eil. ’S e ’m beachd cumanta mu’r Sluagh, gu bheil iad ro dhana, ro dheas a dhol an dail cunnairt. An aite a bhi “leum a ghàraidh far an isl’ e,” nach abrar gu tric gur ann a thaghas an Gaidheal, le comhairle shuidhichte, an t-aite ’s airde chi e, agus nach foghainn so leis, ach gu’n cuir e fein, le dhà laimh, ploc eile, gu minic, air a’ ghàradh, a chum ’s gu ’n dearbh e do ’n t-saoghal nach ’eil neach ann a leumas cho ard ris-san? Feudaidh e bhi gu’m faicear air uairean cuid de’r Sluagh g’ an gluasad fein air doigh leth chosmhuil ri so; ach cha saoil mi gu’n dearbh ar Sean-fhocail, gu’m b’e so ar cliu. Bha agus tha ar Sluagh misneachail, neo-sgathach ri uchd cruadail, agus gu ma fada bhios an cliu sin fior; ach is aon ni cunnart a choinneachadh gu calma, agus is ni eile dol g’a shireadh. Cha ’n ionann misneach ’us an-danachd. Tha ’m fior ghaisgeach glic; “Na h-iarrsa carraid nan sgiath, ’S na diult i air sliabh nan cruach,” arsa Fionnghal ri Oscar; agus co theireadh gu ’n tugadh esan comhairle shuarach air “mac a mhic” as an robh uaill cho mor. Feudar a radh gur e modh ’us faicill ’n ar caint teagasg nan Sean-fhocal, a tha a reir an Abstoil, eu-comasach—ceannsachadh na teangaidh. Ach gheibh sinn teagasg eug-samhuil eadhon anns a’ chuis so. Theirear “Bagair ’s na buail,” ach a ris, “Bruidheann bheag ’us fuann dhorn.” Theirear gu fior “’S e glor mhilis a mheallas an t-amadan;” ach bheirear seachad mar fhreagairt “Is searbh a’ ghlor nach feudar eisdeachd.” Anns na Sean-fhocail, cha ’n fhaighear modh ’n ar cainnt air a mholadh cho tric ri faicill. Theirear “Brisidh an teangadh bhog cneath;” “’S e cordadh a reubas reachd;” ach airson faicill le ’r teangaidh tha na Sean-fhocail lionmhor agus teann. Is eiginn gu’n robh an luath-bheul na bu draghaile d’ar n-Aithrichean na ’n droch-bheul: “Na h-abair ach beag, ’s abair gu maith e:” “Am fear a ghleidheas a theangaidh, gleidhidh e ’charaid;” “Bithidh breith-luath lochdach;” “Is olc an teangaidh is luaithe na ’n teine;” “Ma their thu na ’s leir dhuit, their thu na ’s nàr leat;” “Cuiridh an teangadh snaim nach fuasgail an fhiacail.” ’S e foighidinn, faicill, ’us seoltachd an àm dol an ceann gnothuich teagasg nan sean-fhocal. Gheibhear aon no dha de chaochladh dreach, “An ramh is faisge, imir;” “An cuirm is luaithe bhitheas ullamh, suidheamaid uile g’ a ghabhail”—ach ’s ann gun teagamh air taobh faicill ’us seoltachd a tha chuid gu mor is lionmhoire. B’iongantach na’m biodh an t-atharrach fior. Cha mhor dhaoine aig an robh barrachd aobhair na bha aig Gaidheil na h-Alba airson earlais ’us faicill. Bha iad re moran de’n Eachdraidh buailteach do ionnsuidhean sgriosal, gun rabhadh, o’n naimhdean. Tha fathasd moran diubh aig a’ bheil gnothuch ris a’ mhuir; agus cha ’n aithne dhomh ceird a dh’ iarras barrachd faicill ’us curann a cheapadh cothroim air sruth ’s air soirbheas, na ’s trice dh’ iarras barrachd seoltachd on luchd-obair, na ceird an iasgair Ghaidhealaich. Gheibh sinn cuid de na Sean-fhocail a’ teagasg geilleadh an uair tha cuisean a’ d’ aghaidh: “Clachan dubha an aghaidh shruithean.” Bha ar n-Aithrichean teom air a bhi comharrachadh cunnart ’us amaideachd turn a ghabhail os laimh nach b’e gu ro cheart do ghnothuch, agus as nach biodh e ro fharasda faotainn ma sgoil. “Na cuir do lamh eadar a’ chlach ’s a’ sgrath;” “Eadar long ’us lamhrig;” Eadar am bogha ’s an t-sreang. Bha ’n cothrom maith a ghabhail air a theagasg leis an deagh Shean-fhocal, “Deasail air gach ni;” ach ’s e curam ’us faicill ’us earalas bun ’us barr sgeoil nan Sean-fhocal a tha far comhair an traths’: “Fanaidh duine sona ri sith, ach bheir duine dona dui-leum;” “Cha toir thu ’n aire gus an teid bior ad’ shuil;” “Chaora luideagach a theid ’s an dris, fagaidh i h-olainn ’s an dos;” “Mar is luaithe ’s faisge mho-ille;” “Cha n’ e ’n ro dheifir is fearr;” “Na gearr do sgornan le d’theangaidh fein;” “Am fearr nach seall roimh, seallaidh e ’n a dheigh;” “Amhairc romhad mu’n toir thu do leum.” Tha na h-earailean so cothromach, agus tha earailean de’n t seorsa lionmhor ’n ar Sean-fhocail. Is co-ionann teagasg do mhoran de’r sgeulachdan. Chuala sinn uile mar a thachair Diarmad ri ’bhas. Thomhais e ’n torc, le troighibh ruisgte, o ’shoc gu ’shail, ’s cha d’ fhuiling beud; ’s ann an uair a dh’ fheuch e ri thomhas an aghaidh a’ chuilg a reubadh a shail le mile lot. Ma bha ar sluagh bras, dian re ’n Eachdraidh, mar theirear gu minic a bha iad, cha b’e so teagasg a fhuair iad, ann an tomhas nor co-dhiu. Agus cha ’n ’eil mi cho cinnteach gu’n robh ar n-Aithrichean cho bras no cho dian ’s a chuirear cho tric as a leth. Fagar orra gu bheil iad mairnealach, leisg an dara uair; agus cluinnidh sinn uair eile nach buin foighidinn no faicill d’ ar daoine. Feudaidh beagan de’n fhirinn a bhi ’s an da bheachd; ach cha ’n e ’n dara aon na n-aon eile an toll a mhill an t-seiche Ghaidhealach, ma ’s e ’s gur ann millte tha i. Tha earailean nan Sean-fhocal a dh’ ainmich mi feumail, cha deanar moran rath as an eugmhais; ach tha iad easbhuidheach. Tha cainnt mhodhail ’us giulan eireachdail ’n a nithean maiseach ’us cliùiteach; ach eadhon an so gheibhear an gath an taice na meala. Feumar an comhnuidh barrachd luach a chur air Firinn na air Modh; agus mur gleidh thu meas ort fein, caillidh tu urram dhaoine eile. Tha Sodal ann an dlu dhaimh ri Modh; is ro tric a dh’ fhas an Cùirtear ’n a Sgimileir. Tha faicill ’us earalas mu’n toir thu lamh air gnothuch feumail; ach cha dean faicill ’us earalas, air a meud, leo fein chu Sluaigh a chuir am farsuingeachd. Feumaidh buaidhean is airde bhi air an cleachdadh: tuigse gheur a thaghas a chuis is glic, rùn seasmhach a chum a’ chuis a thoirt gu buil a dh’ aindeoin gach grabadh a thig ’s an rathad, seoltachd a ni am feum is fearr do gach grabadh a thig ’s an rathad, seoltachd a ni am feum is fearr do gach meadhon ’us cothrom air an ruig do lamh, agus dichioll nach failnich ann a bhi ’g oibreachadh a mach do rùin. Ma gheibhear na feartan so air an cleachdadh ann an tomhas riaghailteach, ’s ann dona da rireadh a tha ’n t-aite anns nach bi an Sluagh sona agus sealbhach. D. M‘K. Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHA ’NAN CADAL. CAIB. II. BHA Abou Hasan gach latha a’ deanamh ulluchaidh air son na cuirm’ a bha gus a bhith aige anns an oidhche, agus an uair a thigeadh an feasgar bha e ’dol gu ceann drochaid Bhagdad, agus a’ suidhe feuch am faiceadh e coigreach a’ tighinn an rathad. Agus cha bu luaithe ’chitheadh e coigreach a’ tighinn an rathad a bha e, co dhiubh bu duine bochd no bu duine beairteach e, na chuireadh e failte gu cridheil, caoimhneil air agus bheireadh e cuireadh dha gus a shuipear a ghabhail, agus an oidhche ’chur seachad maille ris; agus an deigh dha an ni a runaich e dheanamh innseadh do ’n choigreach, threoraich e dh’ ionnsuidh an taighe e. Cha robh an t-suipear a bha Abou Hasan ag ulluchadh air son nan coigreach a’ cosg moran dha, ach cha robh gainne beidh ann, agus bha am fion gu math, agus bha am pailteas ann dheth; agus bha ’n t-suipear a’ mairsinn gus am biodh greis mhath dhe ’n oidhche air a dhol seachd. Cha bi a’ chuirm gun a comhradh a bhiodh aca, oir bha Abou Hasan ’na dhuine cho comhraiteach agus deadh-fhaclach, agus cho tuigseach ’s gu ’n cumadh e suas comhradh taitneach fad na h-oidhche, agus chuireadh a chomhradh tuigseach, geur-chuiseach sunnd agus aoidh air an duine cho trom inntinn ’s a b’ urrainn e a bhith. Air an ath mhadainn, an uair a bha e ’cur air falbh an neach do ’n d’ thug e aoidheachd, bha e ’n comhnuidh a’ labhairt ris mar so: “Gu ’n gleidheadh Dia thu o gach bron, ge b’ e taobh a theid thu. An uair a thug mi cuireadh dhut an de gus do shuipear a ghabhail comhladh rium, dh’ innis mi dhut an doigh a runaich mi a dheanamh. Air an aobhar sin na gabh gu h-olc e, ged a tha mi ’g innseadh dhut nach fhaod sinn a cheile fhaicinn gu brath tuilleadh, agus nach mo a dh’ fhaodas sinn biadh no deoch a ghabhail maille ri cheile aon chuid ’nam thaigh-sa no ann an taigh sam bith eile, air son aobhar air nach ’eil fhios aig duine sam bith ach mi-fhin; agus gu ’n treoraicheadh Dia thu.” Bha Abou Hasan a’ cumail gu dluth ris na mionnan a thug e, agus cha do sheall e riamh air son choigreach do ’n d’ thug e aoidheachd, agus cha mho na sin a bhruidhinn e riutha. Ge b’ e uair a thachradh e riutha air an t-sraid, no ann an cuideachd, cha leigeadh e air gu ’n robh e ’g am faicinn, agus thionndadh e air falbh gus an seachnadh air eagal gu ’m faigheadh iad cothrom air bruidhinn ris. Air feasgar araidh, an deigh dha bhith uine fhada ’dol air aghart anns an doigh so, bha e ’na shuidhe air an drochaid, beagan roimh dhol fodha na greine, mar bu ghnath leis. Co thigeadh an rathad anns an am ach righ Haroun Alrashid, agus e an deigh e fhein a chur as aithne cho mor ’s nach aithnicheadh neach sam bith e; oir, ged a bha ’n luchd dreuchd a bha fo ’laimh a’ deanamh an dleasdanais gu cothromach agus gu curamach, bha toil aige fhein, air a shon sin, fios fhaotainn [TD 99] [Vol. 10. No. 13-14. p. 3] mu thimchioll gach ni a bha ’dol air aghart, agus air an aobhar sin bha e ’g a chur fhein as aithne, agus a’ coiseachd ’s an fheasgar air feadh a’ bhaile, agus mu ’n cuairt iomall a’ bhaile. B’e an lath’ ud a’ cheud latha dhe ’n mhios, agus chuir an righ uime deise mar gu ’m b’ e marsanta do mhuinntir Mhosul a bhiodh ann, a bhiodh air ur thighinn dh Bhagdad, agus bha dithis de sheirbhisich mhora laidir a’ falbh ’na dheigh. An uair a chunnaic Abou Hasan an coltas tlachdar, stolda a bh’ air an righ, shaoil leis, cho luath ’sa chunnaic e e, gu’m b’e aon de mharsantan Mhosul a bh’ ann, agus an uair a chuir e failte air le mor urram, agus a thug e pog dh’ a laimh, thuirt e ris: “Mo thighearna, tha mi ro thoilichte gu ’n d’ thainig sibh gu sabhailte. Tha mi ’guidhe oirbh gu ’n cuir sibh a dh’ urram orm gu ’n gabh sibh bhur suipear maille rium, agus gu ’n gabh sibh tamh anns an taigh agam a’ nochd an deigh an sgios a fhuair sibh air bhur turus.” Agus a chum nach diultadh an righ dha am fabhar a bha e ’g iarraidh air, dh’ innis e dha gu ’n robh e mar chleachdadh aige a bhith ’toirt aoidheachd fad aon oidhche do’n cheud choigreach a thachradh ris. Chuir na thuirt Abou Hasan ris annas gu leor air an righ agus bha fior thoil aige fios fhaotainn mu dheidhinn an aobhair a bh’ aige air son a bhith ’cumail suas a leithid de chleachdadh. Agus air an aobhar sin, cha do leig e air nach b’ e aon de mharsantan Mhosul a bh’ ann idir. Thuirt e ri Abou Hasan, gu ’n robh e fada ’na chomain air son a’ chuiridh chaoimhneil a bha e ’toirt dha, agus gun duil sam bith aige ri leithid do chuireadh fhaotainn ann am Bagdad, agus gu ’n gabhadh e an tairgse gu toilichte, agus nach robh aige ach a threorachadh thun an taighe, agus gu ’n leanadh e e. O nach robh fhios aig Abou Hasan gu ’n robh an duine do ’n robh e ’toirt aoidheachd ann an inbhe moran na b’ airde na e fhein, bha e cho dana air ’s ged a b’ e fear dhe sheorsa fhein a bhiodh ann. Thug e e do sheomar grinn anns an robh earnais mhath, agus chuir e ’na shuidhe air sofa e anns am aite b’ urramaiche a bha staigh. Bha ’n t-suipear deiseil, agus chuireadh brat air a’ bhord. Bha mathair Abou Hasain anns a’ chearna a’ cur na suipearach air doigh, agus chuir i suas tri miosan. Anns a’ cheud mheis bha coileach agus ceithir eireagan, agus chuireadh air meadhain a’ bhuird i. Chuireadh an dara agus an treas mios air gach taobh dhe ’n bhord; bha giadh air a rostadh ann an te dhiubh, agus bha calamain air an rostadh ann an te eile. B’ e so na bh’ ann gu leir; ach bha iad de sheorsa math, agus gu math air an deasachadh agus bha sabhs math orra. Shuidh Abou Hasan air taobh eile a’ bhuird mu choinneamh an righ, agus thoisich iad le cheile ri gabhail a’ bheidh gu sunndach, agus, a reir cleachdadh na duthchadh, cha robh iad ag radh facal, agus cha mho a bha iad ag ol deur. An uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh, thug seirbhiseach an righ uisge uca gus an lamhan a nigheadh. Aig a’ cheart am thug mathair Abou Hasain air falbh na soithichean agus am biadh bhar a’ bhuird. Thug i caochladh sheorsachan de bhiadh milis thun a’ bhuird, agus measan mar a tha dearcan fiona, ubhlan, peirean agus mar sin sios. An uair a thoisich an oidhche ri dorchnachadh, lasadh coillean ceireach, agus an uair a dh’ iarr Abou Hasan air a mhathair curam a ghabhail de sheirbhiseach an righ, chuir e botuil is glaineachan air a’ bhord. Shuidh e rithist aig a bhord, agus mu ’n do bhlais e air na miosan lion e glaine dhe ’n fhion, agus thuirt e ris an righ, agus e ’n duil gur e fear de mharsantan Mhosul a bha comhladh ris: “Tha fhios agad, mo thighearna, nach ol an coileach deur dhe ’n uisge gus an gairm e air na cearcan gu tighinn a dh’ ol comhladh ris. Tha mi ’g iarraidh ortsa m’ eisimpleir a leantuinn. Cha ’n ’eil fhios agam ciod a dh’ fhaodas tusa ’bhith ’smaointean; ach air mo shon fhin dheth, cha chreid mi gu ’m bheil duine sam bith ghlic mur ’eil tlachd aige do ’n fhion. Leigeamaid an leud fhein leis na daoine mugach, gruamach ud, agus deanamaid sinn fhin subhach le pailteas dhe ’n fhion a ghabhail.” An uair a bha Abou Hasan ag ol, rug an righ air a’ ghlaine a bh’ air a bheulaobh, agus thuirt e: “Is e duine gasda ’th annad; is toigh leam an nadar math a’ th’ annad, agus tha dochas agam gu ’n lion thu a’ ghlaine so gu math lan dhomh.” Ghrad lion Abou Hasan a’ ghlaine do ’n righ, agus an uair a thug e dha i, thuirt e: “Blais air an fhion so, mo thighearna; theid mi an urras gu ’m bheil e gle mhath.” “Tha mi lan-chinnteach gu ’m bheil,” ars an righ ’s e ’deanamh gaire; “is math is aithne dhut fion math a thaghadh.” “Oh,” ars’ Abou Hasan, an uair a bha ’n righ a’ traghadh na glaine fhiona, “foghnaidh do dhuine amharc ort fhein ann an clar an aodain, agus tuigidh e gu ’m fac’ thu moran dhe ’n t-saoghal, agus gur aithne dhut ciod a th’ ann am biadh math, agus ann an deoch mhath. Nam b’ urrainn mo thaigh-sa smaoineachadh, agus an t-aoibhneas a th’ air a chur an ceill, nach ann air a bhiodh an toileachadh gu ’m bheil thu ’na bhroinn, agus chromadh e ’nad lathair, agus theireadh e, “Nach ann agam a tha ’n t-aobhar gairdeachais ann a bhith ’faotainn a leithid a dh’ urram o neach a tha cho measail, agus cho iomchuidh riut.” Bha ’n righ gu nadarra ’na dhuine cridheil, sunndach, agus chord na labhair Abou Hasan gle mhath ris. Agus thug e gach oidhirp laghail air toirt air Abou Hasan cuid mhath dhe ’n fhion ’ol, a chum gu ’n leigeadh e ris inntinn dha. Agus bha e fhein ag ol glaine air a’ ghlaine ri Abou Hasan. A chum, air an aobhar sin, an tuilleadh comhraidh a bhith eatorra, dh’ fheoraich an righ dheth ciod a b’ ainm dha, ciod an obair a bh’ aige agus cia mar a chaith e na chaidh seachad dhe bheatha. Fhreagair Abou Hasan, agus thuirt e: “Is e m’ ainm Abou Hasan. Cha ’n ’eil m’ athair beo. Bha e ’na mharsanta ann am Bagdad. Agus ged nach b’ e bu bheartaiche a bha ann am Bagdad, bha cuid mhath dhe ’n t saoghal aige. An uair a dh’ eug e, dh’ fhag e gu leor a dh’ airgiod agamsa gus mo chumail suas gle mhath fad uile laithean mo bheatha. Ach o ’n a bha e an comhnuidh gann gu leor rium le airgiod fhad ’s a bha e beo, an uair a dh’ eug e, bha toil agam a dhol ann an cois na chaill mi de sholasan an t-saoghail. Ach air a shon sin, bha mi na bu ghlice na bha moran de dhaoin’ oga a tha ’g an toirt fhein thairis do mhisg agus do mhi-bheus, gun smaointean air mar a bha iad a’ dol air aghart gus an tigeadh iad gu fior bhochdan, agus do ’m b’ fheudar a bhith ’fulang air a shon fad uile laithean am beatha. Gus am mi-fhortan so a sheachnadh, rinn mì da earrann air gach ni a bhuineadh dhomh ris an t-saoghal. Bha ’n darna leith dhe ’na airgiod ullamh agam, agus cheannaich mi fearann agus taighean leis an leith eile. Chuir mi romham gu ’n cosgainn an t-airgiod ullamh orm fhin agus air mo luchd-eolais. Ach chuir mi romham mar an ceudna nach cosgainn bonn dhe ’n mhal a bha mi ’faotainn air son an fhearrainn ’s nan taighean. Rinn mi companas ri daoin oga a bha mu ’n aon aois rium fhin, agus leis an airgiod ullamh, air nach robh caomhnadh sam bith agam, bha mi ’toirt cuirm shoghmhor dhaibh a h-uile latha. A dh’ aon fhacal, thug mi mi-fhin thairis do gach seorsa toil-inntinn. Ach cha do mhair so fada; oir aig ceann na bliadhna theirig a h-uile bonn dhe ’n airgid a chuir mi air leith; agus an sin threig mo chompanaich mi gu tur. Chaidh mi far an robh a h-uile aon dhiubh, agus dh’ innis mi dhaibh an staid bhochd anns an robh mi, ach cha do thairg a h-aon dhiubh cuideachadh a thoirt dhomh. An uair a chunnaic mi mar a rinn iad orm, chuir mi cul gu buileach riutha. Agus thoisich mi ri caomhnadh mo chodach, a chum gu ’n rachadh agam air tighinn beo leis na bha ’tighinn a staigh orm a h-uile bliadhna. Thug mi mionnan nach cumainn cuideachd ri duine sam bith ach ris a’ cheud choigreach a thachradh rium air ur-thighiun an latha sin fhein do Bhagdad, agus nach tugainn aoidheachd dha ach an aon oidhche. Dh’ innis mi dhut an corr mar tha; agus tha mi taingeil gu ’n do chuir am fortan an diugh coigreach cho fior ghasda riut ’nam rathad. (Ri leantuinn). ’S e an Claon-Bhreith an Darna Breith. BHA fear de righrean na Frainge anabarrach deigheil air òran a dheanamh. Bha dithis oide aig a’ teagasg dha ciamar a bu choir na focail a chur ri chéile agus na sreathan a chur an òrdugh ach a dh’ aindeoin sin cha robh an obair a’ soirbheach leis. La a bh’ ann chur e ri cheile, air moran dragh, luinneag bheag nach b’ fhiach an spàirn, agus as nach robh tlachd sam bith aig an righ féin. Coma co dhiu an ath la nuair bha na h-uaislean cruinn, thug an righ seachad do ’n fhear a bu shine agus a b’ onaraiche ’sa chuideachd am paipear air an robh an luinneag sgriobhta ’us thuirt e, “O ’n a tha fios aig cach gur toigh leam na h-orain, tha iad a’ toirt ’g am ionnsuidh na h-uile seorsa rannan chum ’s gun innsinn mo bheachd orra. Nis leugh thusa an luinneag sin agus innis dhomh an do thachair thu riamh air rud idir cho suarach ris.” Leugh an sean-duine an luinneag agus fhreagair e. “Tha sibh le’r cead an comhnuidh ceart, a righ, agus gu h-araid tha sibh ceart an trasd; luinneag cho suarach agus cho amaideach cha ’n fhaca mi ’s cha chuala mi riamh.” Thoisich an righ ri deanamh gàire ag raidhtinn, “’s nach b’e an t-amadan am fear a rinn e.” “An t-amadan gu dearbh e,” fhreagair an t-uasal; “neach a dheanadh luinneag mar sin cha tigeadh ainm a b’ fhearr dha.” “’S math leam do chluinntinn,” ars’ an righ “’s e mise mi fein a rinn e.” “Mo mhearachd a righ!” do ghlaodh an truaghan, “nach leig sibh leam a rithist, ’s ann a leugh mi ’na mo chabhaig an luinneag.” “Ma ta cha leig, thuirt an righ, “’s e an claon-bhreith an darna breith.” Bha gaireachduinn gu leoir aig moran de ’n chuideachd air cho sgiobalt agus a thug an righ an car as an t-sean-uasal. Ach b’ olc am protaig i an duine aosmhor coir a mhealladh agus cuis-bhuirt a dheanamh dheth, agus cuid eile cha dubhairt iad diog, agus iad a smuaineachadh nach biodh an gnothuch gun toirbheachd do ’n righ fhein n’ an toireadh e air a bhi tuigsinn cia cho tric agus a dh’ fhaodadh ceum no dha a bhi eadar e fhein agus an fhirinn. Is fearr cù beò na leomhan marbh; ’S fhearr min gharbh na bhi gun bhleth; An rud a chì thu ’thogas fearg, Na dean dearmad air a chleth. [TD 100] [Vol. 10. No. 13-14. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OCTOBER 4, 1901. Taghadh na Parlamaid. Bha a phàrlamaid ùr air a taghadh Di-màirt, agus mar a bha a mhor chuid an dùil a bhitheadh, fhuair na Liberals a bhuaidh. Cha robh uiread bhòtaichean air an toirt seachad ’sa b’ àbhaist, oir mar a thug sinn iomradh roimhe, cha robh an sluagh a’ gabhail suim mhor sam bith dhe ’n ghnothuch; bha iad dhe ’n bharail gu robh am blàr a’ dol mar a chaidh e. Ann an siorrachd Cheap Breatunn bha Mac Coinnich agus Gillios mu 1500 bhòt air toiseach air Mac Fhionghain agus Mullins. Ann an Richmond bha Mac Fhionnlaidh agus Joyce air an taghadh; ann an Inbhirnis, Seumas Domhnullach agus Doucette; ann an Victoria, Deorsa H. Moraidh agus Iain G. Moireasdan. Ann an Antigonish fhuair na Liberals, an t-Onarach Aonghas Mac Gillebhràth agus C. P. Siosal, a stigh gu h-aon-ghuthach latha ’n ainmeachaidh—cha do thairg duine ruith ’nan aghaidh; agus thachair an ni ceudna ann an Yarmouth. Tha an taghadh so a nochdadh gu bheil an sluagh làn riaraichte le riaghladh Mhoraidh, agus làn-earbsach as gum bi a riaghladh cho math ’s na ceithir bliadhna tha tighinn ’sa bha e ’s na coig a dh’ fhalbh. Ach tha fhios nach robh riaghladh ann riamh nach b’ fheaird a bheag no mhor de bhuill an taighe bhi nan aghaidh, agus mar sin tha a mhor chuid de na Liberals fhein duilich gu ’n deachaidh a chuis cho aon-taobhach. Cha robh air an taghadh de Chonservatives uile gu leir ach a dithis, Domhnull Mac Leoid ann an Cumberland, agus Tearlach E. Tanner ann am Pictou; agus cha ’n eil taghadh Tanner gle chinnteach, oir cha robh e ach àireamh bheag bhòtaichean air thoiseach air an fhear a b’ fhaisg’ air, agus faodaidh an ath chùnntas a chur air deireadh. An Riaghlair Roosevelt. A reir lagh nan Staidean, cho luath ’sa chaochail an Riaghlair Mac-Fhionnlaidh bha an t-Iar-Riaghlair, Theodore Roosevelt, air a chur na aite. Is e Roosevelt an duine ’s oige ghabh an dreuchd so riamh anns na Staidean; cha’n eil e ach da fhichead us tri bliadhna dh’ aois. Ghabh e na h-aon luchd-comhairle ’sa bha aig Mac Fhionnlaidh agus thug e a ghealladh seachad gu’m biodh a riaghladh gu h-iomlan a reir mar a shuidhich an duine sin romh a bhàs. Gu ruige so tha deagh chliù air Roosevelt; gheibheir e daonnan air taobh mathais us ceartais, agus ni a chuireas e roimhe bheir e gu crich. Fhuair e do’n inbhe ’s am bheil e an aghaidh toil na feadhnach sin aig an abhaist lamh laidir a bhith ann an taghadh Riaghlairean; mar sin cha’n eil e ’nan eisimeil, agus bidh làn chomas aig air an ni a bhios ceart ’na shealladh féin a dheanamh, gun uiread ’s an cead iarraidh. Bidh sin ’na shaorsa mhor dha, agus o’n tha tri bliadhna gu leth roimhe, bidh deagh chothrom aig air fhoillseachadh ciod a ghnè dhuine th’ ann, agus am bheil no nach eil e cho freagarrach air dreuchd àrd na Riaghlaireachd ’sa bha e air na dreuchdan anns an robh e roimhe. Cha robh MAC-TALLA air a chur a mach air an t-seachdain s’a chaidh, agus mar sin tha aig an àireamh so ri seasamh air son na da sheachdain. Faodaidh e bhi nar comas an call a dheanamh suas do ar leughadairean aig àm eile. Cha ’n eil na lighichean a bha frithealadh do’n Riaghlair Mac Fhionnlaidh air leabaidh a bhais a faotainn cliù mor sam bith. Thatar a’ fàgail orra nach robh iad cho faiceallach ’s bu choir dhaibh a bhith, gu robh iad a’ deanamh uaill ro mhor as a bheagan soirbheachaidh a bha leotha, agus gu’n dug iad biadh ro laidir dha cho luath ’sa bha e nam beachd á cunnart. Faodaidh e bhith gu ’n d’ rinn iad mearachd, ach tha e gle shoirbh tuilleadh ’sa choir dhe’n choire chur orra. Cha’n eil teagamh nach robh an Riaghlair air a lagachadh gu mor le obair agus iomguinean nan coig bliadhna chaidh seachad, agus mar sin nach robh seasamh aige ri tinneas trom sam bith, gun tighinn air na lotan bàsmhor a fhuair e. Aig a cheart àm, ma bha na lighichean mi-churamach no a’ gabhail tuilleadh ’sa choir orra fein, tha e gle iomchuidh nach biodh sin air a chumail an cleith. Thainig Prionnsa Chun á Sina do’n Ghearmailt gus ùmhlachd a thoirt do ’n Impire agus ciont’ a dhùthcha aideachadh a thaobh mort fir-ionaid na Gearmailt ann am Pekin. Ach tha ’n t-Impire Uilleam agus moran de dh’ uaislean ’s de dh’ ìslean na Gearmailt a nise car teagmhach mu ’n chùis; cha ’n eil iad buileach cinnteach co-dhiu ’s ann mar mhagadh no a cheart da-rìreadh a bha Prionnsa Chun anns an ùmhlachd a rinn e. Chaidh e gu dleasdanach troimh ’n t-seirbhis a chuireadh mu choinneamh, agus rinn e gach beic agus modh a bha air àithne dha, ach bha ni-eigin cho pròiseil na ghiùlan ’s na ghluasad ’s nach eil muinntir na Gearmailt uile gu leir saor o’n eagal gu ’n d’ fhalbh Prionnsa Chun ag radh ris féin, “Ma thug sid toileachadh do Uilleam, cha do chuir e tàmailt mhor sam bith ormsa.” Tha na Sineich ’nan sluagh seòlta, domhain, agus tha an dòighean doirbh an tuigsinn. Reic Mhor Bhrog Brogan laidir is fhiach $1 40 air $ 99 Brogan laidir is fhiach $2 00 air $1 25 Brogan Grinn Dongola $2 00 air $1 35 Brogan Carte $2.00 air $1.49 Brogan Buidhe-bhan $1 50 air $1 10 agus iomadh bargan eile ann am brogan dhaoine a nis ri fhaotainn ann an— STOR BHROG Redden. ROSS BLOCK. $10,000.00 Feumaidh an t-suim so a bhi againn MU ’N RUITH TRI FICHEAD LATHA —AGUS— So an doigh air am bheil Sinn a’ dol ’ga fhaotainn. Cha ’n ann le bargain a thairgse dhut ann an aon no da sheorsa bathair, ach leis gach ni a tha ’sa bhuth againn a thairgse air prisean a riaraicheas duine reusonta sam bith. Deagh chothrom air Caiseart agus Aodach Math fhaotainn saor do chloinn a tha ’dol dh’ an sgoil. Thig latha no oidhche sam bith gus am bi an Reic Shaor seachad. Ma bhios tu ceannach fiach $4.00 no barrachd de bhathar, agus nach tachair dhut a bhi comasach a phaigheadh aig an am, faodaidh tu pairt dhe a phaigheadh, agus cumair an ni tha thu ceannach fad seachdain dhut. Mills, MacKenzie & Ross. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 101] [Vol. 10. No. 13-14. p. 5] Naigheachdan. Tha Latha Taingealachd ri bhi air a chumail ann an Canada am bliadhna air an Diordaoin mu dheireadh de Nobhember, an t-ochdamh latha fichead. Tha Sir Louis Davies a nise na bhreitheamh an Ard Chùirt Chanada. Tha Sir Louis anns a phàrlamaid o chionn còrr us fichead bliadhna, agus bha e air fear de na daoine bu tapaidhe bha air taobh nan Liberals. Cha deachaidh duine roghnachadh fhathast air son na dreuchd a bh’ aige—Ministeir Mara agus Iasgaich. Tha e coltach gu bheil na Portuigich ann an Africa mu Dheas a ceadachadh do na Boerich a bhi faotainn arm troimh ’n fhearann aca. Chuir fear-ionaid Bhreatuinn ann an Lisbon an ceill do Riaghladh Phortugal an la roimhe gu feumadh an obair sin stad. Tha cuid de na Portuigich gle fheargach air son sin, ach ’se ’s docha gu ’n dean an riaghladh mar a bh’ air àithne dhaibh. Thatar ag obair gu sunndach air rathad-iarruinn a chladaich a deas. Tha mu cheithir mile fichead dhe’n rathad eadar Point Tupper us St. Peter’s air a réiteach cheana. Tha mu sheachd ceud duine ris an obair, agus tha dùil ri luchd rails a nall á Sasunn romh mheadhon a mhios so. Tha ceud car obrach air an orduchadh air son an rathaid, agus an ùine ghoirid bithear a leagail nan rails ’sa tòiseachadh ris an rathad a dheanamh. Bha an fheill bhliadhnail ann a Halifacs air an t-seachdain so chaidh, agus chuir i an duthaich anns an ainbhfhiach mar a b’ abhaist. Ann an doigh no dha bha i air toiseach air feilltean bhliadhnaichean roimhe, agus ann an doigh no dha eile bha i fad air deireadh. Tha cuid ag agairt nach eil feum sam bith air feill a bhi ann a Halifacs na h-uile bliadhna, gu’n deanadh uair ’san da bhliadhna an gnothuch. A dh’ aon rud cha bhiodh feill uair ’san da bhliadhna cho cosgail dh’ an duthaich. Cha d’ rinneadh dail sam bith ann an toirt mortair an Riaghlair Mhic-Fhionnlaidh gu ceartas. Tha a chuirt seachad agus tha e ri bhi air a chur gu bàs mu’n ochdamh latha fichead dhe’n mhios so. Bidh e air a chur gu bas anns a chathair electric, oir ’se sin an doigh laghail air fear-cionta chur as an rathad ann an staid new York. Cha robh ceartas cho mall na gluasad ’sa bha i a thaobh Guiteau am fear a mharbh an Riaghlair Garfield ’sa bliadhna 1881. Mhair a chuirt aig an robh am fear sin air fheuchainn corr us da mhios, agus cha deach a chur gu bas gu ceann bliadhna ’n deigh dha Garfield a thilgeadh. Di-sathuirne so ’chaidh bha a cheud reis aig na birlinnean, agus choisinn an Columbia. Sheòl iad deich mile fichead ann an ceithir uairean gu leth, agus cha robh an t-Shamrock ach beagan us leth mionaid air deireadh. Chaidh na birlinnean a mach a sheoladh da la eile, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus Di-mairt air an t seachdain so, ach bha an soirbheis cho lag ’s nach b’ urrainn daibh an reis a chriochnachadh. Bha iad ri feuchainn a rithist an dé, ach gu àm dol a chlò cha chuala sinn ciamar a chaidh dhaibh. Faodar a bhith cinnteach gu bheil an luaths a nochd an t Shamrock a toirt dochais do na Breatunnuich, ’sa cur eagal air na Geancaich gun coisinn i an duais. Ann an Troy, Ontario, chaochail fear Adhamh Nuzener a bha ceud us tri bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an Ontario, agus bha e fuireach faisg air Troy o chionn ceithir fichead bliadhna. Air Di-mairt an ceathramh latha fichead de September bha Niall Beutan, duin òg’ a mhuinntir Leitche’s Creek, air a mharbhadh aig Abhainn Sheòrais ’se ’g obair ann am meinn-chloiche. Thuit torr cloiche air a mhuin ’ga ghoirteachadh cho dona ’s nach robh e beò ach da uair an deigh do’n sgiorradh tachairt. Feasgar us oidhche Di-haoine s’a chaidh bha am baile gun deur uisge ach na ghabhadh faotainn anns na seann tobraichean. Tha amar-uisge a bhaile aig an àm so ga chàradh, agus ’s e uisge Loch na Forks a thatar ag uisneachadh. Sgàin a phiob troimh ’m bheil an t-uisge sin a tighinn, agus gus an d’ fhuaireadh a càradh b’ fheudar do ’n bhaile dhol tioram. Tha duin’ òg ann an Sheffield, New Brunswick, ris ’n do chuir a leannan cul an deigh dhi gealladh pòsaidh a thoirt dha, a nise dol ga sumanadh air son fàine, deiseachan, agus goireasan eile thug e dhi air choinneamh na bainnse. ’S fhiach na thug e dhi uile gu leir mu cheithir dolair fhichead, agus tha e cur roimhe mur toir an lagh sin dha gu ’n sumain e i air son bristeadh-geallaidh. Chaidh fear Eanruig Brooks, a mhuinntir na Meinne Tuatha, a bhàthadh aig Sidni Tuath oidhche Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha e féin us fear eile air bòrd soithich ’san acarsaid, agus nuair a bha iad a tilleadh gu tir chaidh am bàta chur thairis le oiteag gaoithe. Rinn am fear eile greim ris a bhàta agus fhuaireadh a shàbhaladh. Dh’ fheuch Brooks ri snàmh gu tir, ach bha e air a chlaoidh mu ’n d’ ràinig e agus chaidh e fodha. Air an aonamh latha fichead de ’n mhios so ’chaidh, bha Uilleam Domhnullach, gill’ òg aois choig bliadhn’ deug, air a mharbhadh aig calla ’n rathaid-iaruinn aig Stellarton, N. S. Bha e feuchainn ri dhol air bòrd na trein nuair a thuislich e ’sa thuit e fo na cuidhlichean. Bha te dhe lamhan air a gearradh dheth aig a ghuala, agus bha e air a ghoirteachadh cho dona ’s gu’n do chaochail e mu dheich uairean an oidhche sin fhéin. Bu mhac e do Dhomhnull F. Domhnullach, air am bheil moran de ar leughadairean eòlach, agus ris am bi co-fhaireachdain aca anns a bhuille ghoirt a fhuair e. Tha na Boerich a’ cogadh fhathast agus a cur dragh agus call nach beag air an arm Bhreatunnach. Tha e coltach nach do chuir an rabhadh a thug Citchener dhaibh—gu’m biodh iadsan nach striochdadh romh ’n choigeamh latha deug de September air am fògradh as an dùthaich ’s an cuid fearainn air a ghlacadh leis a chrùn—eagal sam bith orra. Ach tha iad a sior fhàs na’s laige, agus ged a dh’ fhaodas iad seasamh a mach ùine mhor fhathast, bheirear gu striochdadh iad air a cheann mu dheireadh. Cha’n eil teagamh sam bith nach iad na ceannardan is coireach iad a bhi cho diorrasach a cur an aghaidh an ni a dh’ fheumas tachairt. Ma’s fior an sgeul, tha suim araid de’n airgead a thug Crugar leis as an Transbhaal air a chur ri creideas nan ceannardan ann am banca ’s an Olaint aig ceann gach mios, agus mar sin mar is fhaide chumas iad an cogadh air adhart ’s ann is fhearr a bhitheas iad dheth—’se sin ma’s urrainn iad cumail á lamhan nam Breatunnach. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. Thig sinn suas ris an fheadhainn a’s fhearr ann an deanamh Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa Bathair-Each. ’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 102] [Vol. 10. No. 13-14. p. 6] Na Laithean a dh’ Fhalbh. THUG mi sgriob air feadh nan garbh chrioch agus ruaig a’ measg eileanan Innse-gall, agus feudaidh sibh a bhi cinnteach gur e sgriobhadh a bu lugha bha air m’aire. Bu leoir leam a bhi ag ol a stigh an t-sonais a bha sruthadh thugam o bhi coimhead air beanntan mo ghaoil a’s a’ bhi beachdachadh air ailleachd do-choimeas tir thuinidh nan treum, no o ’bhi ’g eisdeachd sgeula mu na laithean a dh’ fhalbh a’s mu na cleachdainnean ud a tha gu luath a’ dol as an t-sealladh am meag sgailean dorcha na h-aimsir a threig. Cha ’n ’eil mi idir a’ saoilsinn gum bheil e na ni cearr na nithean sin a chur air chuimhne mu ’m basaich iad gu buileach. Tha ioma aon diubh faoin gu leoir ach tha foghlum us teagasg annta aig am. Is eadhon ged nach bitheadh idir, is airidh iad air cuimhne a chumail orra do bhrigh gum bheil iad freagarrach a chum soluis a thilgeil air na h-amanan us air na cleachdainean a tha ’nis air siubhal seachad a chaoidh. Is ann o na sgeulachdan, o na baoth bharailean agus o na sean ubagan aig sluagh a tha sinn comasach air eolas fhaotainn air ciod i fìor eachdraidh pobuill agus ciod iad na smaointeanan agus na breithneachaidh a bu ghnath leo a bhi cleachdadh. Faodaidh mata beachdachadh air na nithean ud a tha faoin gu leoir annta fein a bhi na ni buanachdor a chum ar n-eolas a mheudachadh mu dheibhinn nan linntinn ud a tha gu luath ga’m follach fein a measg ceo nam bliadhnachan agus sgailean na h-aoise. Cha ’n ’eil mise, a’ Leughadair ionmhuinn, ga’n creidsinn ni’s motha na thu fein, ach air dhomh a bhi ’san lan bharail gu’m bheil solus ri fhaotainn iomadh uair far an lugha am bheil suil ris, agus ghocas aig àm fo chleoca na h-amaideachd, tha mi am beachd gur fhiach sean nithe nan Gaidheal aithre a thoirt dhoibh. Maille ri iomadh ni eile a tha air caochladh ann an tir nam Beann tha beachdan an t-sluaigh mu na nithean amaideach ud air atharrachadh mar an ceudna. Agus is maith gum bheil, oir tha e ’n a dhearbhadh gu’m bheil foghlum ’us eolas a dol am meud agus luchd-aiteachaidh nan garbh chrioch a’ fas ni ’s tuigsiche. Ach is fheudar dhomh aideachadh ’nuair a thairneas mi coimeas eadar staid na Gaidhealtachd mar a tha i nis agus mar a bha i ’s na linntin a dh’ fhalbh gum bheil mi iomadh uair ann an teagamh a thaobh na cùise, agus air uair cha’n eil e cho soileir dhomh gu’m bheil cuisean air caochladh, anns gach ni a chum na cuid is fearr. Tha a thaobh an ni so “da thaobh air a’ Mhaoil.” Air aon taobh tha beannachdan ’us buanachdan ri am faicinn air an taobh eile, tha tiamhachd agus bron. A thaobh na ’m buanachdan a thainig rathad na Gaidhealtachd, faodaidh mi na nithean a leanas a chomharachadh a mach. Tha sgoilean agus eaglaisean air an suidheachadh ann an iomadh gleann uaigneach agus air iomadh eilean cuain far an robh aig aon am meadhona teagaisg agus grais gle thearc. Tha rathaide mora air an deanadh air feadh nan garbh chrioch, a chum is gum feud carbad nan ceithir each dol troimh na gleann is fiadhaiche cho socrach reidh is air cabhsair a bhaile mhoir. Tha mac talla nan creag a’ co-fhreagairt do sgriach an eich iarruinn agus do dh’ fhuaim rothan nan carbad aige feadh ghleanntan ’us bheanntan na h-airde tuath far am bu chruaidh ann an linn ar n-athraichean do neach an rathad a dheanadh na chois. Tha bata na smuide air eileanan iomalach Innse Gall agus air Lochan fasgach na h-airde n’ iar a thoirt ro dhluth do bhaile Ghlasacho. Tha trid so iomad goireas aig luchd-aiteachaidh na Gaidhealtachd nach robh aig an athraichean. Tha eadhon an innleachd iongantach sin, a tha air cearcal a chur air an t-saoghal air a leithid a dhoigh is gun d’ thig naidheachd ann am priobadh na sul o America fein, air cuid do na h-eileinean a thoirt cho dluth oirnn is gum feud neach ann am Muile no Ile (ma tha cuid thasdan aige ri chosd) comhradh a chumail ri a charaid ann an Glaschu mar gum biodh iad nan suidhe mu choinneamh a cheile aig an aon bhord. Tha mar so gun teagamh iomadh caochladh aigh air tighinn air tir nan Treun, o na laithean ud anns an robh na Finneachan do ghnath ann an naimhdeas d’a cheile—o na linntinn anns an robh suil gun leigeadh gach Ceann Feadhna og air dha teachd a chum a thighearnas fhaicinn a thapadh agus a threubhantas trid a chreich a thogal o fhearan a choimhearsnaich, agus anns am bi a chulaidh spuirt a bu togaraiche a bha aig ’ur n athraichean a bhi mort ’s a spuineadh nan Gall. Tha e nis moran nis furasda agus nis sabhailte do Bhailidhean Ghlaschu cuairt a thoirt feadh nan garbh chrioch na bha e anns an linn ’s an robh Bailie Nicol Jarvie cho treun agus sgriob a thoirt, fo cheannsal Rob Ruaidh Mhic Griogair, a dh’ fhaicinn maise nan Troisichean, ailleachd Loch-Chatriona agus garbh shlios Bheinn Lomuinn. Ach ged a tha so uile fior agus ged a tha gach Gaidheal ro thaingeil air a shon, tha gidheadh atharraichean eile air teachd ann an lorg nan nithean sin a lionas mo chridhe le tiamhachd agus bron gach uair a bheir mi ruaig air feadh Gaidhealtachd mo ghaoil. Tha trid nan goireasan ud agus o aobharan eile, luach fearainn air ardachadh a chum is gum bheil na Tighearnan trid gaol nam màltan mora air iomadh gleann tioral agus srath tarbhach a chur fas a chum caoraich a chur an aite nan daoine. Is fada on a thubhairt an Slanaighear Beannuichte “Cia mor is fearr duine na caora?” Ach cha ’n eil uair a bheir mi cuairt feadh ionada fasa tir mo dhùthchais, nach d’thig an smuain ann am aire, gur eigin nach MAC-TALLA AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1.00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1.52 DO BHREATUNN, DO NEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE. CEUD mile furain agus failt’ Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh! ’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas O bhliadhn’ gu bliadhn’ An gliocas, tuigse, tur is ceill; An eolas air gach ni fo ’n ghrein; Am meas, an cliu ’s am moran speis, An ear ’s an iar. Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis; ’S a bhuadhan co ni chur an geill Le peann ’s le guth? An t-armunn maiseach, uasal, grinn, A choisinn cliu le luaths a phinn Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir ’S an cluinnteadh ’ghuth. Mo mhile beannachd aig an dream A tha ’toirt aoidheachd dha gach am, ’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall, An am an fheum’: Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar, A choisinn cliu is buaidh ’s na blair, A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath ’S gach ait’ fo ’n ghrein. —Bodachan a’ Gharaidh. THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN. “Cho Gaidhealach ri Fad Moine.” [TD 103] [Vol. 10. No. 13-14. p. 7] ’eil an earainn sin ann am Biobul Tighearna Fearain na Gaidhealtachd idir, no gum bheil iad fein is an luchd gnothaich air solus ur fhaotainn oirre, oir tha an deanadas a’ cur an ceill gur i a bharail acasan gur mor is fearr caora na duine. Is tha iad air an aobhar sin air an t-sluagh fhogradh is air iomadh srath boidheach agus gleann àillidh fhagail nam fasaichaan tiamhuidh. Far an robh iomadh dachaidh chomhfhurtachail, anns an robh sluagh moralta, diadhaidh ag gabhail comhnuidh, cha ’n ’eil a nis ach na liath lathraichean fuara agus na tolmain fheurach ghorm gu fianuis a thoirt air na bha. Air an Leithir thorrach far an cluinnte ann an ciuin shamhchair an anmoich shamhruidh guth nan salm ag éiridh o iomadh altair teaghlaich, le co sheirm thiamhuidh bhinn cha bhuail fuaim air a’ chluais an diugh, ach meilich nan caorach bàna agus tabhann madadh breac a’ chiobair ghallda. Da rireabh “Is e lionmhorachd nan caorach, chuir clann nan daoin’ air alaban.” Oir tha e fior mu iomadh cearn do thir gharbh na h-Alba, mar thubhairt am Bard Ileach mu Eilein glas an fheoir, far an d’ fhuair e arach. “Tha tighean sealbh na dh’ fhàg sinn Feadh an fhuinn ’n an càrnan, Dh’ fhalbh ’s cha till na Gàidheil Stad an t-àiteach, cur ’us buain; Tha stéidh nan làrach tiamhuidh A’ toirt fianuis air ’s ag ràdh: Mar a fhuair ’sa chunnaic mise, Leig am fios so thun a’ Bhàird. Cha chluinnear luinneag Oighean, Séist nan oran air a’ chléith, ’S cha ’n fhaicear seoid mar ’b’ abhaist A’ cur bàir air faiche réidh. Thug ainneart fograidh uainn iad, ’S leis na coimhich buaidh mar ’s àill, Leis na fhuair ’s na chunnaic mise, Biodh am fios so aig a’ Bhàrd. Cha ’n fhaigh an déirceach fasgadh, Na ’m fear astair fois o ’sgìos, No ’n Soisgeulach luchd éisdeachd,— Bhuadhaich eucoir Goill is cìs. Tha nathair bhreac na lùban Air na h-ùrlair far an d’ fhàs Na fir mhor a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird.” ’Nuair a bheachdaicheas mi air na h-atharrachuidh so uile, ged tha mi ullamh gu leoir gu aideachadh gum bheil iomadh caochladh maith air tighinn air a’ Ghaidhealtachd, gidheadh thig tiamhachd air m’ anam agus tiomadh air mo chridhe tra ’chuimhnicheas mi air na laithean ud anns an robh “aiteas is agh feadh nan gleann,” mar bha an oidhche fhada gheamhraidh air a cur seachad ann an cairdeas agus ann an cridhealas, le toimhseachain, ursgeulan agus cleasan gun lochd, le iomradh air chu na Feinne agus le aithris dain Oisein is a cho-luchd ciuil. Is ged a tha solus is airde a nis air sgaoladh ann am measg na fuigheal a dh’ fhagadh do shiol nan treun, na na sgeulachdan faoin ud, cha ’n ’eil fhios agam neo air thainig gach neonachas d’ an d’ thug iad geill nach robh toiseach aca oirnne a dh’aindeoin ar bosd a’s ar moit mu ar n-eolas, ann an iomadh subhaile agus buaidh mhaiseach. Oir bha caoimhneas a’s cairdeas, moralachd a’s deagh bheas ri fhaotuinn nam measg a dh’ fhaodadh naire a chuir oirnne an diugh. Bha iad aoidheil agus tabhartach ri bochdan, rachadh furan failte a chur air a’ choigreach, is a bheatha dheanadh ged nach biodh bonn ’n a sporan, a’s rachadh gabhail aige gu maith is gu roth mhaith, gun pheighinn, gun chain. Na ’n tugadh e lamh air paidheadh air son a shuipeir ’s a leabaidh cha ghabhta uaith e, is gheibheadh e mar fhreagairt, “Ud, ud, is gann an t-earrach anns an cunntar na faochagan. Cha ’n ’eil sinn cho gallda is sin fhathasd.” Ged nach biodh mor fheum mata anns na sean nithean sin, tha mi ’s a bheachd gum bheil iad aithridh air aite fhaotainn, do bhrigh is gum bheil iad mar thanasg sgaileach nan laithean a dh’ fhalbh, a dhùisgeas iomadh aigne thla, agus cuimhneachan thiamhuidh ann am broilleach muinntir a tha an diugh math dh’ fhaodte fada fada o sgaile nam fuar bheann. Oir tha sgeul na h-aimsir a dh’ fhalbh, cha ’n e mhain mar ghath soluis do ’n anam, ach mar fhuaim thiamhuidh nan caochain uisge ann an gleann uaigneach fasail “’nuair a thuiteas sgaile na h-oidhche, mar gum b’ ann a’ caoidh na bha,” no mar ghaoir ìosal mhuladach nan tonn air feasgar ciuin anns a’ cheitinn, a ghiuileanas air falbh an t-anam gu beachd smuain, agus breithnachadh air seasmhachd naduir agus a h-obair, agus air neo-nitheachd fhalasach gineil chlann daoine.—An Gaidheal. Duine Spiocach. Theireadh na coimhearsnaich uime gu robh e cruaidh, agus gu robh e spiocach, ach cha robh e cuid seach cuid. Bha e deanadach, gleidhteach, agus cùramach. Cha do chosg e ni a ghabhadh cùmhnadh. Shaothraich e gu cruaidh uile laithean a bheatha. Thoisich e gun sgillinn ruadh, ach bha da ghairdean laidir aige, agus bha e suidhichte air beolaind onarach a dheanamh dha fein, agus air beagan a chur m’a seach air son an latha fhliuch. Thoisich e anns a’ choille. Reitich e ’fhearann fein. Fad nam bliadhnaichean saoithreach sin, dh’ fheumadh e bhi cùmhnach, ach cha robh e aig àm sam bith spiocach. Bha a bhean ’s a theaghlach air an deagh chomhdach agus air dheagh bhiadh. Bha leabhraichean agus paipearan ri ’m faotainn ’na thigh. Fhuair a chlann na b’ urrainn da thoirt dhaibh de sgoil. Bha ’fhearann an comhnuidh air oibreachadh gu math agus gach ni air uachdar ag amharc cho math ’s bu choir dha. Bha e cho onarach ris an or. Bha fhacal cho math ri ghealladh sgriobhte, agus bha a ghealladh sgriobhte cho math ris an airgead chruaidh, ge b’e aite ’n robh eolas air. ’N am biodh lan dùthcha againn dhe’n t-seorsa dhaoin’ ud, cha chluinnt’ iomradh air ceannaichean no bancaichean a bhi bristeadh, ’s cha bhiodh bochdainn ach gann idir ’san tir. Faodar gaire fanaid a dheanamh ris na daoine so, agus a radh gur a spiocairean iad, ach ’s iad na daoine tha ’cumail suas creideas na duthcha, agus cha bhiodh adhartas no soirbheachas oirre as an aonais. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto , Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. [TD 104] [Vol. 10. No. 13-14. p. 8] Cath Alma. LE DUGHALL MAC PHAIL. AIR FONN—“An am dol sios bhi deonach.” A cheolraidh uasal, ’s tric a ghluais Mo bhuadhan an tùs m’ oige, Gu dealbh nan rann fo sgàil nam beann; O! thig san àm gu m’ chomhnadh, Gu bhi ri iomradh ann am dhàn Air cliù nan sàr-laoch cròdha Nach d’ fhàilnich riamh air muir no tir, A dhion na Riogh’chd ’s na corach. A shliochd nan sonn, bho thir nam beann, Nan raon, nan gleann ’s nan réidhlein; A chlann nan Gàidheal, ’s e ’ur stàilinn Dheanadh àr a’s réubadh; Tha eachdraidh làn d’ ur n-euchdan àrd, Do chruas ’ur làmh ’s d’ ur tréine, Ri uchd gach nàmhaid b’e ’ur n-àbhaist Buaidh no bàs, mu ’n géilleadh. ’Nuair thug an Russach ionnsuidh fhuilteach Air an Tuirc le foirneart Gu toirt fo chis; ’sa luaisg e sìth Gach rioghachd ’san Roinn-Eorpa: ’N sin dh’ éirich Breatunn a’s an Fhraing Le ’n cumhachd toinnte comhla, Am banntaibh dhith le Omar Pasha— ’S iad mar lànain phosda. Mu ’n gann a fhuair iad dol gu tir Air isleach Bhaileclabha, Bha feachd nan Russaineach fo ’n gleus, Air àird’ an t-sléibh aig Alma, Mar choilich dhùnain a’ toirt dùlain Do na diùnnlaich àluinn, Nach faigheadh dlùth dhaibh taobh an sùil, Ach ann an sùil na lamhaich. Ach beo no marbh, cha ’n fheudta stad, Ach suas gu grad nan comhdhail; Cha robh dol as bho ’n teine chiurrail Ach tigh’n dlùth ri ’n sgornain; ’S ioma fiuran ùr neo-chlaon, Gun ghiomh, gun ghaoid, gun fhotus, A thuit gu lar an suain a’ bhais, Mu’n d’ fhuair sibh àird a’ chomhnaird. Tharruing Raglan a’s Canrobert— Na fir chogaidh uasal— Am feachd shluagh taghta air an adhart, ’Dhol ri aghaidh bualaidh; Ach ged bha Sasunnaich ’us Frangaich Clis, neo-mhall ’san tuasaid, ’S iad na Gàidheil ’rinn a bhearn A chuir an là gu buadhach. Bha Batri mhurtail aig na Russaineach Air uchd an aonaich A’ doirteadh sios nan garbh-fhras siontach Mar chruaidh-ghliob ’s an fhaoilteach, Bha ’n teine trom ud ri mor-dhiobhail, ’Sgathadh sios nan laoch geal— A’s cha b’e ’n sùgradh tarruing dlùth Ri beul na fùrneis chraosaich. Ach ’s i ’n Reiseamaid Dhubh ghaisgeil, Fo Shir Cailean Caimbeul— Curaidh treun nan iomadh blàr, Bha ’chliu ro àrd mar cheannard— A tharruing suas gu dileas, dluth, Gun gheilt air cùl a shàlach, ’S a chuir na gunnairean ’san tuimhnich Le geur rionn na stàilinn. ’N uair a chunnacas air a’ bhearradh Na fir gheala lùthor, Buidheann ghlan nam breacan uallach D’ an robh ’bhuaidh mar dhùthchas, Mu ’n gann a fhuair iad buille ’tharruing Leis na lannan geura, Ghabh na Russainich an ruaig, A ’s bhuail iad an Ratreuta. Bha sian an àigh mu chom a’ churaidh Urranta, ghlan, mheamnach, A bh’ air ’ur ceann gun sgàth gun eagal Ris an teine mharbhteach; Ach air mo laimh, ’s e féin a dh’ fhaodadh As a dhaoin’ bhi earbsach— B’e ’n iolach-chatha “Buaidh no bàs,” ’S an àbhaist anns gach aimsir. ’S iomad làrach ri uchd fear-ghniomh ’S an do dhearbh sibh cruadal, Na fola priseil, uasal, rioghail, ’Bu ghlan li ’nur gruaidhean— A ’s gus an deachaidh crioch le onair Air a’ chogadh bhuan ud, Dhion sibh cliù na tir a dh’ fhàg sibh Anns gach spàirn a ’s cruaidh-chas. Duthaich nan Gaidheal. LE PADRUIG MAC GRIOGAIR. FONN—“Slan gu tir gu’n till Ben Lomond.” SEISD. Teann a nall is éisd na facail, Bithibh ’n ’ur n-éideadh gu gaisgeil, Cuimhnichibh na treun laoich sgairteil Nach ’eil maireann chum ar comhnadh. ’S fhada ’m thàmh mi, ’s tim dhomh gluasad, Na ’m bu bhàrd a dheanamh duan mi, Is na tàlantan a fhuair mi Fhoillseachadh aon uair mar ’s deoin leam. Teann a nall, &c. An cluinn sibh mi, ’chlann nan Gàidheal? Seasaibh gu duineil air làrach, Daingeann, dileas mar bu ghnàth leibh Anns na blàir ’nuair bha sibh comhladh. ’S lionmhor miorbhuil ’bheir an cleachdadh Fad air chùl bho chùrsa ceartais, ’S nàmh fo thuinn le rùn a pheacaidh G’ar sior chreach a neart ar beo-shlaint. ’S cian bho ’n reitich iad air falbh sinn, Lag is treun thar sléibhtean Albainn, ’S g’ ar co-éigneachadh thar fairge Gus ’n do shealbhaich damh nan croc iad. Dh’ fhàg iad sinn air udail faontraigh, Deas is tuath air feadh an t-saoghail, G’ ar casgradh fo achd na daorsa, Am prasgan faoin a dh’ fhuirich beo dhinn. ’S lionmhor cridhe blàth ’bha deurach ’N àm dhuinn dealachadh ri chéile; Sgiùrs iad as ar dùthaich fhéin sinn Mar dhubh reubalaich air fogradh. ’S léir a bhlàth air feadh an t-saoghail, Na tha dh’ fhàsaichean fo chaoraich, ’S iad le ’n àl an àit’ nan daoine, Far am b’ aobhach glaodh na h-oigridh. Far an gluaiseadh sluagh gun àireamh, A chuireadh ruaig air an nàmhaid, Dh’ fhàgadh na miltean ’s an àireich, Suain a’ bhàis gu bràth ’s gun deo annt’. Gu ’n do dh’ fhogair iad gu leir sinn As ar coraichean le eucoir, ’S ar blàth chomhnardan fo fhéidh, Is luchd na Beurla ’gabhail spors dheth. Ciod e ’n stà dhomh ’bhi ’g a innseadh H-uile caochladh ’th’ air an rioghachd? Tha gach raon fo fhraoch air cinntinn Anns na glinn ’s an robh sinn eolach. ’Mhic-’Ille-Bhàin, tha-mor chliù ort Aig na Gàidheil anns gach dùthaich, Cumaidh tu ’chànain ’n a dùsgadh A bha dùthchasach g’ ar seorsa. M’ fhear-cinnidh fhéin ni mi luaidh air, An lighiche Mac Griogair uasal, Na ’m bitheadh iad dileas ri ’ghualainn Chuireadh e ruaig air na toireach. —Oban Times. Thug duine àraidh uair aodach gu creachadair-mara a bha air a thilgeadh air a’ chladach agus e an impis a bhi air a chur a dhìth le doirbheadas na h-aimsir; an sin thug e dh’ ionnsuidh a thaighe e, agus fhritheil e dha leis gach goireas a bh’ aige. Air do neach eile a chronachadh air son e dheanamh math ri aon a bha cho olc, fhreagair e, “Rinn mi an caoimhneas so, cha b’ ann air sgàth an duine féin ach air sgàth a chinne-daonna.”—Epictetus. De Witt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. NUAIR A BHIOS TU.... ag uidheamachadh taighe tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinn ’s is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhe—coig piosan—air $35.00. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manger, Charlotte St. Brogan Saora. Brogan matha dhe gach seorsa—Brogan Fhear, Brogan Bhan, Brogan Cloinne, na seorsachan a thatar a cosg an cumantas, no mar a theirear riutha, Brogan Obrach. Tha iad so ri ’m faotainn gu saor aig Mills, MacKenzie & Ross. Air seann larach Iain A. Mhic Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach ach cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabh os sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 105] [Vol. 10. No. 15. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 11, 1901. No. 15. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. XX. BHA Ailein ruadh nam bó a cumail gu math ri ghealladh dha ’n Dròbhair bhreac—’s e sin gu ’m fàgadh e dachaidh gu math mi-thaitneach aig Catriona, agus bha sin aice da rireadh ’san àm so. Their cuid, carson nach fàgadh i buileach glan dachaidh mar so; ach cha robh sin idir cho furasda dheanamh ’san àm ud ’s a tha e ’n diugh. Cha robh na bailtean mora cho faisg idir ’sa tha iad a nis, air chor ’s nach rachadh aig nighean no gille air leum air trein no bàta-smùid uair sam bith a chluinneadh iad briathran searbha, mar a dh’ fhaodas iad a nis, agus coig ceud mile ’chur nan deigh mu ’n ciar am feasgar. Air an latha so bha Ailein ruadh fuathasach greannach, crosda. Na ’n sealladh an cat air chaitheadh e seann bhròg air, ’s na ’n cluinneadh e cearc a glagadaich bheireadh e roid as a deigh. Faodar a thuigsinn nach do dh’ fhàg e dad na bu shiobhalta e am bata chaitheamh le uile neart as deigh cearc chrasgach, a bha le toileachadh mor ris an obair so, ’s mharbh e te eile, cearc de phor ùr, air na phàigh e gu daor, ’s air an robh meas mor aige; agus leis an fheirg a chuir am bat’ air, o nach do dh’ amais e ’chearc cheart, rug e air dha cheann air ’s bhrist e ri ghlùin e. ’S e dh’ fhàg cho fior chrosd’ e air an latha so, gu ’n do dhiùlt nighean mhor Uilleam ghobh’ e, ag radh ris gu ’n robh deagh bhean taighe aige roimhe. Agus air dha tighinn dhachaidh bha litir roimhe o’n Dròbhair, ag innse mar a dh’ eirich dha, ’s ag radh nach robh sgillin airgid aige, ach esan (Ailein) a chur uige beagan, ’s gu ’m faodadh e ’chumail a rithist á tochradh Catriona. An uair a chiar am feasgar ’sa fhuair Catriona ’h-obair seachad, an déis a bhi fad an latha ’g éisdeachd dranndan Ailein, thog i oirre ’s chuir i ’h-aghaidh air Creag-an-t-sìthich, far am biodh i cinnteach nach cuireadh Ailein na duin’ eile a bhuineadh dha ’n àite dragh oirre. Bha e ri ràdh gu ’n robh sìtheach ainmeil a comhnuidh ’sa chreig so uair air choireigin. Theireadh cuid, an uair a bhiodh a ghrian a dearrsadh, nach robh iad ’ga chreidsinn, a toirt seachad mar reusan gur ann an cnoic bheaga ghorma ’s nach b’ ann fo chreagan a bhiodh sìthichean a comhnuidh. Bha càch ag ràdh gu ’n cual iad na seann daoine ag ràdh, gur e chuir an sìtheach mor so dha ’n chreig a chomhnuidh, tuil mhor a bh’ ann aon bhliadhna, ’s gun deach moran de na sìthichean a bhàthadh anns na cnoic, ach am fear mor so chunnaic e ’chreag cho freagarrach ’s chord i cho math ris ’s nach do dh’ fhàg e riamh tuilleadh i. Bha coltas car mi-nàdarra air a chreig gun teagamh. Bha toll mor a stigh fo bonn, agus cha chuireadh am fear bu tapaidhe ’sa bhaile ’cheann a stigh ann an deigh do ’n ghréin a dhol fodha. Bha gu leor a creidsinn gu ’n robh an sìtheach ’sa chreig fhathast. Chaidh Domhull tioram aon oidhche cho faisg air a chreig, ’s e tilleadh á Taigh-a-chlachain, ’s tuainealaich ’na cheann, ’s gu ’n cual’ e ’n sìtheach a gabhail òrain, agus chunnaic e solus aige stigh ’san toll, agus fàileadh roiceil, far an robh sìtheach a deisealachadh a shuipearach. Cha robh Catriona ’toirt creideas dha so, oir cha robh i gisreagach ann, ’s mar sin is iomadh greis a chuir i seachad aig a chreig. Air an fheasgar so fhuair i ’h-àite-suidhe àbhaisteach, agus an ùine ghoirid bha deoir gu frasach ris na gruaidhean aice, a smaointean air iomadh ni a thachair ann an làithean a h-òige. Ged a bha i òg fhathast, bha i smaointean gu ’n robh ceud bliadhna o’n a thriall na làithean taitneach sin. “O, Aonghais, Aonghais,” ars ise, le guth briste, “na’m biodh fios agam gu’n robh thu beò, slàn agus toilichte, chuirinn suas le cridhe math leis gach trioblaid—” “Tha e sin, cho beò, slàn, uallach, agus a nis cho toilichte ris an righ!” arsa guth air a beulaobh. Chaidh Catriona air chrith, oir dh’ aithnich i ’n guth, ged nach do dh’ fhairich i duine tighinn, ’s mar sin bha i smaointean gur ann far an t-saoghail eile thainig e mar fhreagairt dha briathran. Sheall i suas agus bha Aonghas ann an sin mu coinneamh, ’s thuit i seachad ann an laigse. Cha robh uisge fad air falbh, ’s ann am beagan mhionaidean fhuair Aonghas a dùsgadh agus a chur air shùilean dhi nach b’e spiorad a bh’ ann idir, a toirt comharran seachad ’ga dhearbhadh nach cualas riamh aig spioradan. Chuir iad greis mhath seachad ann an sin a bruidhinn air iomadh ni, agus greis mhath dhe ’n ùine sàmhach, oir bha ’n cridheachan le chéile tuilleadh ’us làn agus sòlasach airson bhriathran. Tha sinn car coma bhi ’g éisdeachd cainnt leannanachd, ged a bhios i gu math milis leis a chàraid fhéin, cho faoin ’s gu ’m bi na faclan; ach cha tig i ri càileachd an luchd-éisdeachd idir. B’ fhearr leam cupan do ’n stuth lis an can na Goill “castor oil” òl na bhi coig mionaidean ag amharc no ’g éisdeachd cuid a dhaoin’ òg, no seann fheadhainn, an uair a bhios iad ’san staid sin. Mar sin cha bhi sinn ag aithris na bha eadar a chàraid òg so, ged nach robh iad cho dona sin, ach gu nàdarra cha b’ urrainn dhaibh a chainnt bhog sin a sheachnadh buileach. Ach thàinig iad gu aon cho-dhùnadh co-dhiù, a bha dol a dh’ fhàgail Ailein ruaidh gun bhean taighe. “Seadh!” ars’ Ailein ruadh nam bo an oidhche sin, ’s e faicinn coltas fuathasach toilichte air Catriona, ged a bha i feuchainn ri ’gnùis a chumail mar a b’ àbhaist, “tha mi ’n dòchas gu bheil thu air tighinn gu inntinn cheart a thaobh pòsaidh, ’s nach bi mise ga d’ chumail suas na ’s fhaide.” “Tha mi air m’ inntinn atharrachadh,” arsa Catriona; “tha mi dol a phòsadh an ceann da sheachdain.” “Sin agad an uair a nochd thu beagan gliocais!” ars’ esan. “Tha mi ’n dòchas nach bi ’bheag air a chois roimhe sin!” “O, cha ’n ’eil dad orra mar tha,” arsa Catriona; “ chunnaic mi feasgar e, ’s cha robh ceum idir ann!” “Tha sin iongantach,” ars’ Ailein; “feumaidh gur ann aige fhéin tha na cnamhan ’tha furasda ’n snaim! ’S fhearr dhomh ’dhol ’ga fhaicinn o’n a tha ’n oidhche soilleir.” Dh’ fhalbh Ailein air a cheum, ’s bha e le ceann crom a deanamh suas ’na inntinn dé theireadh e ris an Dròbhair a thaobh nach do fhreagair e ’litir. Rinn e sin gàire, ’s e air smaointean air briathran Aonghais an oidhche dhealaich iad aig fuaran Ghlinn Fraoich, an uair a thuirt e gu ’m biodh Catriona aige gu b’ oil leis. “Thig bhuat a nis,” ars’ Ailein, “co-dhiù thu thu beò no marbh, agus—” Chaidh crioch aithghearr air briathran ’s air smaointean Ailein, ’s e air faileas dorcha fhaicinn a tighinn eadar e ’sa ghealach. B’e duine gu math mor a bha so, a tighinn an coinneamh Ailein, a bha, a réir coltais, a smaointean cho dian ri Ailein fhéin, air chor ’s nach fhac iad a chéile gus na theab iad bualadh. “Gabhaibh mo leisgeul,” ars’ am fear mor, ’s e seasamh a thaobh airson Ailein ruadh a leigeil seachad. Leum a ghealach a mach as na neoil ’san àm, agus dhearrs i gu boillsgeach air aodann Aonghais, (oir b’e ’n duine mor so), agus air do dh’ Ailein sùil a thoirt suas ’san àm, dh’ éirich a ghr— Theab mi ràdh gu ’n do dh’ éirich a ghruag aige ’s gun i ann; ach thainig gaoir neonach sios mu chneamh an drom’ aige co-dhiu, ’s dh’ fhàs e cho bàn ris an anart, ’s e le oillt air Aonghas aithneachadh—am fear a bha e le tapachd mhor a cur gu dhùlan aig an àm. Bha Ailein fuathasach gisreagach, agus cha robh ’n so aige ach spiorad Aonghais, a tighinn a thogail tòrachd air son gach breug a chuir e air o’n a dh’ fhàg e talamh. Shìn Ailein a dha laimh a mach agus thoisich e ri dhol air ais an comhair a chuil, ’s e ag ràdh le guth fann, ’s a theanga a fliuchadh a bhilibh gun stad: “Air d’ ais, air d’ ais dha d’ àite fhéin! Cha—cha robh mi ’ciallachadh nam briathran idir! Cha—cha robh—cha robh mi ach mar mhagadh!” “O, sibh a th’ ann, ’Ailein!” ars’ Aonghas, ’s e tionndadh; oir, air dha laige Ailein fhaicinn thionndaidh e, ’s e gu trang, ma b’ fhior, a sireadh rud air choireigin a thuit air. “O, sibh a th’ ann, ’Ailein!” ars’ esan. “Ghabh mi droch cnatan o chionn ghoirid, ’s cha chluinn mi smid, ’s mar sin cha do dh’ aithnich mi sibh an uair a dh’ fhaoigheachd sibh mi.” Thug so cothrom do dh’ Ailein a mhisneachd fhaighinn, agus shìn e làmh gu ain-deonach an coinneamh laimh Aonghais. “C’uin a thàinig thusa?” ars’ esan, “no dé chuir an taobh so thu? Tha mi faicinn gu bheil thu gu math beò!” “A chumail ri m’ ghealltanas,” ars’ Aonghas,—“a dh’ iarraidh Catriona! Agus tha mi smaointean gu ’n tainig mi ann an deagh àm, oir tha mi tuigsinn gu bheil i na h-uallach mor oirbhse.” “Tha mi tuigsinn a nis,” ars’ Ailein, “co bha i ’ciallachadh feasgar, agus tha mi faicinn gu bheil mi air mo bheatadh. Thoir leat i, ma ta, le ’m bheannachd, ma ni sin feum dhut; oir an aghaidh mo thoil tha mi air meas a ghabhail ort, a thaobh do ghiulan an uair a chaidh mise na m’ bhreislich an uair a chunnaic mi thu; agus tha mi faicinn’ gu bheil deagh chlaisneachd a nis agad. Innis a nis dhomh gu saor, soilleir,” ars’ Ailein, ’s e leantuinn, “a bheil gràin do chridhe agad orm?” “Cha ’n ’eil gràin agamsa oirbh,” ars’ Aonghas; “ach gun teagamh tha gràin agam air [TD 106] [Vol. 10. No. 15. p. 2] pàirt d’ ur n-obraichean a thaobh Catriona; ach a thaobh gràin phearsanta, tha ’bheatha so tuilleadh is aithghearr air son sinn a bhi ag altrum fuath dha chéile fada. Agus so agaibh mo lamh, agus tionndaidhidh sinn an duilleag gu bràth.” Mar so chaidh cùmhnant sìthe a dheanamh eatorra, agus thill Ailein dhachaidh na bu toilichte ’s na bu ghlice na dh’ fhàg e i. Cuiridh sinn Ailein ruadh nam bó seachad le ràdh gun do chuir e seachad an corr dhe làithean ’na aonaran truagh. Agus an Dròbhair breac, o nach d’ fhuair e Catriona, chuir e mach na lìn a rithist, agus fhuair e nighean mhor Uilleim ghobha, leis an tochradh reamhar. Ach phaigh e gu daor air a shon fad a bheatha, le bhi aice ann an uisge teith fhad ’s bu bheò e. . . . . . . . . Ann an Canada uachdrach, faisg air baile-mor àraidh, tha ar sgeul a criochnachadh. Faisg air a cheile tha tri taighean geala ciatach, air an cuartachadh le iomadh seorsa meas, agus raointean àluinn de chruithneachd ’s an adaig. Tha comhlan cridheil cruinn anns an taigh mheadhain far am bheil banais gus a bhith air an fheasgar so. Tha tri bliadhna fichead air a dhol seachad o’n a chunnaic sinn maighstirean nan taighean so; ach air an fheasgar so tha comhlan mu ’n cuairt orra nach fhaca sinn riamh. Buinidh an taigh do dh’ Aonghas Donn Ghlinn Fraoich, a tha le Catriona ri ghuallain gu toilichte ’ga rian. Tha ’n nochd an nighean aig Aonghas agus am mac ’us sine aig Calum a pòsadh, ’s cuideachd chridheil Ghàidhealach mu ’n cuairt orra. Tha ceòl na pioba ’s tha òrain Ghàilig ann, ’s tha bad fraoich am meadhain a bhùird mhoir, agus faodar a ràdh gu bheil sùilean na cuideachd air na ’s trice na tha iad air na gnothaichean matha a tha ’ga chuartachadh. ’S Gàidheil iad uile. Tha gach dlùth charaid a bhuineadh dhaibh mu ’n duairt orra. Tha Mac Leòid ’s a bhean agus teaghlach lionmhor ann, ’s iad cho Leodhasach ’s cho binn uile ’s ged a bhiodh iad air am breith an Leodhas. Tha Calum fhéin cho cuireadach ’sa bha e riamh, agus tha e-fhéin agus Màiri Ailein fhathast a suiridhe. Air son a leigeil fhaicinn gu bheil a mhac gus a bhi coltach ris an athair, innsidh na briathran a leanas e. “Nach dubhairt mi riut an dé” arsa mamaidh Aonghais bhig (mac Chalum), “gun dochnainn thu nan dòirteadh tu siùcar a rithist. Gabh a nis am mach agus thoir ugamsa slat a dhochnas tu?” Chaidh Aonghas beag am mach, ach thill e an ùine ghoirid ag ràdh, “Cha ’n urrainn mise gin dhiubh ’bhuain, a mhamaidh. Ach innsidh mi dhuibh dé ni sibh: ‘Seallaibh an ubhal mhor, dhearg ud gu h-àrd air an trinnseir; seasaidh mise ann an so, agus bualaidh sibhs’ orm i!’” (A’ chrioch). Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHA ’NAN CADAL. CAIB. III. BHA ’n righ anabarrach toilichte leis an naigheachd a dh’ innis Abou Hasan dha, agus thuirt e ris: “Cha ’n urrainn mi moladh gu leor a dheanamh air an doigh a ghabh thu, agus air a’ ghliocas leis an deachaidh tu ann an ceann a’ ghnothaich, nuair a chuir thu cul ris an neo-mheasarachd a bha thu ’leantuinn—doigh agus gliocas nach fhaicear ann an daoin’ oga ach uair gle ainneamh; agus tha am barrachd meas agam ort a chionn gu ’n robh thu cho dileas dhut fhein. Bha thu ’g imeachd air slighe a bha gle shleamhuinn, agus is gann a theid agam air moladh gu leor a dheanamh air an stamhnadh a chuir thu ort fhein an uair, an deigh dhut an t-airgiod ullamh a chosg, a chum thu thu-fhein gun am mal, agus eadhoin na taighean agus am fearann fhein a chosg. A dh’ aon fhacal, feumaidh mi aideachadh gu ’m bheil farmad agam ri duine cho sona riut. Is tu duine cho sona ’s a th’ air an t-saoghal, an uair a tha de thoileachadh agad a h-uile latha ’bhith ann an cuideachd duine ris am faod thu comhradh saorsnail, taitneach a bhith agad, agus do ’n toir thu cothrom, ge b’ e taobh a theid e, air a bhith ’g innseadh cho coir ’s cho caoimhneil ’s a bha thu ris. Ach tha sinn air moran bruidhne a dheanamh o nach d’ ol sinn deur; so, ol fhein glaine, agus lion te dhomhsa.” Chuir an righ agus Abou Hasan seachad an earann bu mho dhe ’n oidhche ag ol fiona, agus a’ comhradh mu thimchioll moran de nithean. Bha ’n righ mu dheireadh a’ leigeadh air gu ’n robh e sgith an deigh a thuruis, agus thuirt e ri Abou Hasan gu ’n robh e feumach air beagan fois a ghabhail. “Ach,” ars’ esan, “o nach ’eil toil agam thusa ’chumail o chadal, mu ’n dealaich sinn (a chionn gu ’m faod mise bhith air falbh mu ’n eirich thu), tha toil agam a leigeadh ris dhut, gu ’m bheil mi taingeil air son cho caoimhneil, cairdeil ’s a bha thu rium, agus air son na h-aoidheachd a thug thu dhomh. Is e an aon rud a tha ’cur dragh orm, nach ’eil fhios agam ciod an doigh anns an nochd mi mo thaingealachd dhut. Tha mi ’guidhe ort, air an aobhar sin, gu ’n innis thu dhomh ciod e an doigh anns an dean mi e, agus chi thu nach ’eil mi neo-thaingeil; oir feumaidh gu ’m bheil duine mar a tha thusa a’ dol ann an ceann gnothaich, no ann an eis air choireiginn, no a’ miannachadh gu ’m faigheadh tu ni eiginn taitneach. Leig ris d’ inntinn dhomh gu saor, soilleir; oir ged nach ’eil annam ach marsanta, faodaidh gu’n teid again fhin, no aig mo chairdean air comain a chur ort.” Fhreagair Abou Hasan agus thuirt e ris an righ, agus e ’smaointean fad na h-uine gur e marsanta a Mosul a bha ’na chuideachd: “Tha mi lan-chinnteach, mo dheadh thighearna, nach ann gus mo chur ann am moit a tha thu ’toirt tairgse cho fiallaidh sin dhomh; ach, air facal duin’ onaraich, tha mi ’g innseadh dhut le cinnt, nach ’eil rud sam bith a’ cur dragh orm; cha ’n ’eil mi ann an gnothaich sam bith, cha ’n ’eil mi ’miannachadh rud sonraichte sam bith, agus cha’n’eil mi ag iarraidh dad air duine sam bith. Mar a dh’ innis mi roimhe dhut, cha ’n ’eil deigh sam bith agam air inbhe no air urram ard, agus tha mi lan-riaraichte le mo staid; air an aobhar sin, tha mi ’toirt moran taing dhut air son na tairgse mhath a thug thu dhomh, agus air son gu ’n do chuir thu de dh’ urram orm gu ’n do ghabh thu greim suipearach comhladh rium.” “Ach,” ars’ esan ’s e ’dol air aghart, “feumaidh mi innseadh dhut gu’m bheil aon rud ann leis nach ’eil mi riaraichte, ged nach ’eil e, air a shon sin, ’g am dheanamh neo-fhoiseil. Feumaidh mi innseadh dhut gu’m bheil baile Bhagdaid air a roinn ’na cheithir earrannan, agus tha eaglais anns gach earrann dhiubh so. Tha sagart anns gach eaglais agus air uair na h-urnuigh bidh e air cheann an t-sluaigh ag urnuigh anns an eaglais. Is e seann duine mor, liath a th’ anns an t-sagart a th’ anns an earrann so dhe ’n bhaile. Tha aghaidh fhada, ghruamach, chrabhach air an comhnuidh; ach is e cealgaire a’s mo a th’ air an t-saoghal. Tha ceathrar de sheann daoine a tha ann an inbhe rud eiginn ard, agus aig am bheil saoibhreas, a’ coinneachadh a cheile a h-uile latha ann an taigh an t-sagairt. Tha iad a’ sior thogail sgainnil agus mi-chliu air daoine matha, agus a’ nochdadh mi-run an aghaidh an t-sluaigh a th’ anns an earrann so dhe ’n bhaile, agus ’nam agaidh-sa mar an ceudna, agus tha iad air an doigh so a’ togail aimhreit agus tuasaid gu leor anns a’ chearn so dhe ’n bhaile. Tha iad a’ maoidheadh air cuid, tha iad a’ cur eagail air cuid eile, agus, a dh’ aon fhacal, bu mhiann leotha a bhith nan ard-mhaighstirean, agus toirt air a h-uile duine a bhith fo smachd dhaibh, ged nach ’eil fhios aca cia mar bu choir dhaibh iad fhein a chumail fo smachd. Agus, gu cinnteach, ceart, tha doilghios orm a chionn gu’m bheil iad a’ gabhail gnothaich ris a’ h-uile rud ach ris a’ Choran, agus nach leig iad an leud fhein le sluagh a’ bhaile.” “Tha mi cinnteach,” ars an righ, “gu ’m bu mhath leat stad a chur air an droch obair a th’ aca.” “Tha thu ceart gu leor,” ars’ Abou Hasan, “agus is e an aon rud a mhiannaichinn, gu ’m faighinn a bhith ’nam righ fad aon latha an aite ar tighearna agus ar maighstir, Haroun Alrashid, Ceannard nan Creidmheach.” “Ciod a dheanadh tu nan biodh tu ’na aite?” ars’ an righ. “Leagainn smachdachadh cho trom orra,” ars’ Abou Hasan, “’s gu ’n tugainn toileachadh do na daoin’ onarach a th’ anns an aite. Bheirinn ordugh ceud buille a thoirt do ’n cheathrar sheann daoine air buinn an cas, agus ceithir cheud buille do ’n t-sagart, gus a theagasg dhaibh nach coir dhaibh a bhith ’caineadh nan coimhearsnach, agus a’ togail tuasaid ’nam measg.” Chord na smaointeanan so a chinnich ann an ceann Abou Hasain anabarrach math ris an righ; agus o ’n a bha e gu nadurra a’ gabhail tlachd ann an driodartan dhe ’n t-seors’ ud, bha toil aige an gnothach a dheanamh cho sporsail ’s a b’ urrainn e. “Tha an rud a tha thu miannachadh a’ cordadh rium anabarrach math,” ars esan, “oir tha mi ’faicinn gu ’m bheil e ’tighinn o chridhe treibhdhireach, nach urrainn gun a bhith ’g iarraidh gu ’n deantadh dioghaltas air daoine nach ’eil math. Bu mhath leam gu ’n tachradh an rud a tha thu ’miannachadh, agus cha ’n ’eil e idir mi-choltach gu ’n tachradh a leithid. Tha mi cinnteach gu ’n tugadh an righ dhut comas a bhith ’riaghladh ’na aite fad cheithir uairean fichead nam biodh fios aige air na ruintean a tha ’na d’ inntiun, agus am feum math a dheanadh tu nam biodh tu nad’ righ. Ged is e marsanta a th’ annam-sa nach buin do ’n aite, tha de chumhachd agam na bheil cuideachadh dhut gus an ni a tha air d’ inntinn a chur gu feum math.” “Tha mi ’faicinn,” ars’ Abou Hasan, “gu ’m bheil thu ’deanamh gaire a chionn mise ’bhith ’smaointean air gnothach cho amaideach ri sid, agus dheanadh an righ fhein gaire nam biodh fhios aige air na beachdan gun choltas a th’ agam; gidheadh, b’ fhearr leam gu ’n robh fhios aig an righ air an obair a th’ aig an t-sagart ’s aig a chompanaich, a chum gu ’n deanadh e peanas orra.” “Nar leigeadh am fortan,” ars’ an righ, “gu ’n deanainnsa gaire fanaid ort an deigh na h-aoidheachd chaoimhneil a fhuair mi o ’n a thainig mi an so feasgar. Agus cha mho a tha mi ’creidsinn, ged nach ’eil a bheag a dh’ eolas agam ort, gu ’m biodh an righ diumbach dhiot ged a chluinneadh e na thubhairt thu. Ach leigeamaid leis a’ chuis mar a tha i. Tha e dluth air a’ mheadhain oidhche, agus tha’n t-am ann a dhol a chadal.” “Cha bu math leam air chor sam bith do chumail o dhol a chadal,” ars’ Abou Hasan, “ach tha [TD 107] [Vol. 10. No. 15. p. 3] beagan fiona anns a’ bhotul, agus ma ’s e do thoil e, olaidh sinn an toiseach e, agus an sin theid sinn a ghabhail mu thamh. Is e an aon rud a tha mi ’g iarraidh ort, nach fhag thu an dorus fosgailte an uair a dh’ fhalbhas tu anns a’ mhadainn, ma ’s e ’s nach bi mise air mo chois, Cuimhnich gu ’n duin thu an dorus.” Gheall an righ gu ’n duineadh e an dorus; agus am feadh ’s a bha Abou Hasan a’ bruidhinn, rug e air a’ bhotul agus air an da ghlaine, agus an uair a lion e a’ ghlaine aige fhein, thuirt e, “Olaidh mi a’ ghlaine so air do shlainte.” Agus an uair a bha e ’lionadh na glaine eile, chuir e fudar beag innte gun fhios, agus an uair a thug e do Abou Hasan i, thuirt e, “Bha thu fhein a’ lionadh nan glaineachan dhomhsa o ’n a thainig an oidhche, agus cha mhor an rud dhomh ged a lionainn an te so dhut fhein. Tha mi ’guidhe ort gu ’n gabh thu a’ ghlaine so as mo laimh, agus gu ’n grad ol thu air mo shlainte a h-uile deur a th’ innte. Rug Abou Hasan air a’ ghlaine as a laimh, agus gus a nochdadh gu ’n robh e ro thoilichte leis an urram a chuireadh air, dh’ ol e h-uile deur a bh’ innte gun a toirt o ’bheul. Mu ’n gann a chuir e a’ ghlaine air a bhord, thoisich am fudar a bh’ innte ri chur ’na chadal. Ann an tiotadh thuit e cho trom ’na chadal ’s gu ’n robh a cheann a’ bualadh ’na ghluinean, agus cha b’ urrainnn an righ gun a bhith ’gaireachdaich. Thug an righ ordugh do ’n t-seirbhiseach a bha comhladh ris Abou Hasan a thoirt leis air a mhuin, agus a leantuinn do ’n luchairt. Ach mu ’n d’ fhalbh iad, dh’ iarr e air an t-seirbhiseach beachd a ghabhail air an taigh gu math, a chum gu ’n aithnicheadh e rithist e, an uair a gheibheadh e ordugh Abou Hasan a thoirt air ais. Dh’ fhalbh an righ, agus bha ’sheirbhiseach ’g a leantuinn agus Abou Hasan air a mhuin, ach cha do dhuin e an dorus mar a dh’ iarr Abou Hasan air. Ghabh e direach a dh’ ionnsuidh na luchairt, agus chaidh e steach air dorus diomhair do ’n t-seomar aige fhein far an robh an luchd-frithealaidh ’g a fheitheamh. Dh’ ordaich e dhaibh Abou Hasan a chur ’na laidhe anns an leabaidh aige fhein, agus rinn iad anns a’ mhionaid mar a dh’ ordaich e. Chuir an righ anns a’ mhionaid fios air seirbhisich agus mnathan uaisle na luchairt gu leir, agus thuirt e riutha, “Is e mo mhiann gu ’m bi gach aon aig am bheil ri bhith ’tighinn ’nam lathair-sa gach madainn, a’ tighinn an lathair an duine so a tha ’na laidhe anns an leabaidh agam, an uair a thig an t-am eirigh ’s a’ mhadainn am maireach, agus gu ’n toir iad urram dha mar bu ghnath leotha ’thoirt dhomhsa, agus gu ’n toir iad umhlachd do gach aithne a bheir e dhaibh. Na biodh rud sam bith a dh’ iarras e air a chumail uaithe, agus labhradh iad ris, agus freagradh iad e, mar gu ’m b’ e Ceannard nan Creidmheach. A dh’ aon fhacal, tha dochas agam gu ’n seall sibh air mar gu ’m b’ e fior righ agus Ceannard nan Creidmheach a bhiodh ann; agus as cionn gach ni thugaibh bhur ceart aire nach dean sibh mearachd ann an ni sam bith a tha mise ’g aithneadh dhuibh.” Thuig an luchd-frithealaidh agus na mnathan uaisle anns a’ mhionaid gu ’n robh gnothach sporsail fo near do ’n righ, agus fhreagair iad e le beic a dheanamh dha, agus an sin tharuinn iad air falbh, agus chuir iad rompa gu ’n deanadh iad na b’ urrainn daibh, a chum an ceol-spors a bha fo near do ’n righ a chur air aghart. (Ri leantuinn). Is fhearr a bhi ’dhìth a’ chinn na ’bhi dhìth an fhasain, Mac na Bantraich Bharrach. BHA bantrach bhochd ann am Barraidh agus bha leanabh mic aice, agus ’s e Iain a b’ ainm dha. Bhiodh i dol do ’n tràigh a chruinneachadh maoraich airson i-fhéin ’s an leanabh a bheathachadh. Nuair a bha i ’san tràigh latha bha ’n sid dé chunnaic i ach soitheach air an àird an iar de Bharraidh. Chuir triùir de na bha air bòrd a mach bàta, ’s cha b’ fhada bha iad a’ tigh’n air tìr. Chaidh ise thun a’ chladaich ’s dhòirt i ’m maorach làmh riutha. Chuir maighstir an t-soithich ceist orra, de ’n rud a bha ’n sid. Thuirt i gu ’n robh maorach cladaich, am biadh a bh’ aice. “Dé ’n gille beag, bàn a tha ’n so?” “Mac dhomh.” “Thoir dhomhs’ e agus bheir mi dhuit òr agus airgiod, agus gheibh e sgoil ’us ionnsachadh, ’s bidh e na ’s fhearr ’na bhi agads’ an so.” “’S fhearr leam bàs fhulang na ’m pàisd’ a thoirt seachad.” “Tha thu gòrach; bidh thu fhein ’s an leanabh gu math ma leigeas tu leam e.” Le gaol an airgid thuirt i gu ’n tugadh i ’n leanabh dha. “Seallaibh an so, ’illean. Theirigibh air bòrd; so dhuibh iuchair; fosglaibh preas anns a chabin, ’s bheir sibh ugamsa bocsan a gheibh sibh ann.” Dh’ fhalbh iad; rinn iad sid ’s thàinig iad. Rug e air a’ bhocsa—dh’ fhosgail e e—dhòirt e ’na sguirt e, ’s cha do chunnt e idir e, ’s thug e leis an leanabh. Dh’ fhan ise mar a bha i, ’s nuair a chunnaic leanabh a dol air bòrd bheireadh i na chunnaic i riamh gu ’n robh e aice. Sheòl esan air falbh agus ghabh e gu ruige Sasunn. Thug e sgoil ’us ionnsachadh do ’n bhalach gus an robh e ochd bliadhn’deug air an t-soitheach. ’S e Iain Albannach a bh’ air a’ bhalach an toiseach. Thug esan Iain Mac a Mhaighstir air, a thaobh gu ’m b’e fhéin maighstir an t-soithich. Bha aig sealbhadair an t-soithich seachd soithichean air muir, agus seachd bùthannan air tìr—a’ h-uile té gabhail thun a bùth fhein le a luchd. Thachair do na seachd loingeas a bhi aig an taigh comhla. Thug an sealbhadair suas leis na seachd sgiobairean thun an taighe. “Tha mi ’fàs trom, aosd’,” ars’ esan. “Tha sibh an sin seachd maighstirean. Tha mi gun duine cloinne ged a tha mi pòsda. Cha ’n ’eil fhios agam co aig a dh’ fhàgas mi mo chuid, agus cuid mhor agam. Cha robh gin a bu docha leam a thoirt da na thusa, ach gu bheil thu gu ’n chloinn mar mi fhìn.” “Tha agams’,” ars’ an sgiobair, “mac ochd bliadhn’ deug a dh’ aois anns an t-soitheach gu ’n a liginn aisd’ idir.” “Nach neonach leamsa sin agad ’s gu ’n mise g’a chluinntinn riamh.” “’S iomadh rud a dh’ fhaodadh a bhi aig mo leithidsa nach bithinn ag innseadh dhuibhse.” “Falbh ’s thoir thugams’ a nuas e ’s gu ’m faicinn e.” Dh’ fhalbh e ’s thug e nuas e, ’s chuir e ’n òrdugh e. “An e so do mhacsa?” “’S e,” ars’ an sgiobair. “Co aca ’s fhearr leat fuireach agamsa, na falbh le t-athair air a’ mhuir mar a bha thu roimhe, ’s gu ’n dean mise dìleabach dhiot gu bràth.” “Mata ’s ann air muir a fhuair mi mo thogail riamh, ’s cha d’ fhuair mi dad o m’ òig’ air tìr; le sin ’s ann air muir a b’ fhearr leam a bhi; ach o’n tha sibh’ a’ cur roimhibh gu ’n cum sibh mi gu ’m fan mi agaibh fhein.” “Tha seachd bùthannan agam air tìr, agus feumaidh tu làmh a ghabhail anns na seachd bùthannan.” “Tha cléireach aig a h-uile fear riamh de na bùthannan,” ars’ esan; “cha ghabh a h-aon aca droch bharail orra fhein, nach ’eil iad cho math riumsa. Ma tha sibh a cur mar fhiachaibh ormsa gu ’n gabh mi iad, gabhaidh mi ’n seachdamh fear dhiubh.” Ghabh e ’n seachdamh fear de na bùthannan; ’sa cheud latha dha dol ann chuir e fios feadh a’ bhaile, an rud a bha roimhe punnd, gu ’m biodh e air còig tasdain deug, air alt ’s gu ’n d’ thainig a h-uile rud a bha ’sa bhùth a nuas ’s gu ’n robh ’m bùth falamh mu ’n d’ thainig na soithichean. Chaidh e stigh; chunntais e ’chuid airgid, ’s thuirt e gu ’n robh ’m bùth falamh. “Cha ’n ioghnadh ged a bhitheadh, ’s an rud a bha roimhe air punnd thu g’a leigeil sios gu coig tasdain deug.” “Agus, oide, ’bheil sibhse ’ga ghabhail sin gu h-olc; nach ’eil sibh a’ faicinn gun cuirinnsa mach na bh’ anns a bhùth seachd uairean mu ’n cuireadh iadsan a mach aon uair e.” “Leis a sin feumaidh tu làmh a ghabhail ri cach agus an leigeil a mach mar sin.” Ghabh e ’n sin làmh ri càch, agus bha e ’na mhaighstir os cionn nan cléireach uile. Nuair a thainig na soithichean bha na bùthannan gu léir falamh. Thuirt a mhaighstir ris a nis, “Co aca ’s fhearr leat a bhi ’d mhaighstir thar na bùthannan, na falbh le aon de na seachd soithichean? Gheibh thu do roghainn de na soithichean.” “’S ann air muir a thogadh riamh mi ’s gabhaidh mi soitheach.” Fhuair e soitheach. “Seallaibh, cuiribh ugamsa na seachd sgiobairean.” Thainig na seachd sgiobairean g’a ionnsuidh. “Nis,” ars’ esan ris na sgiobairean a bha dol le Iain, “tha Iain a’ dol leibh—cuiridh sibh tri soithichean air thoiseach, ’s tri air deireadh, ’s bidh esan ’sa mheadhain; ’s mur an toir sibh ugamsa slàn e cha ’n ’eil ach breith oirbh ’s ’ur crochadh.” “Mata, m’ oide,” ars’ Iain, “cha ’n ’eil sin freagarrach. Tha na soithichean a’ falbh comhladh; faodaidh stoirm tighinn agus ar fuadach o chéile. Deanadh a h-uile h-aon mar is fhearr a dh’ fhaodas e.” Dh’ fhalbh na soithichean—sheol iad—agus ’se luchd guail a chuir Iain a stigh na thé fhein. Thainig latha mor stoirm orra. Dh’ fhuadaicheadh o chéil’ iad. C’àit’ ’n do sheòl Iain ach do ’n Tuirc. Ghabh e acair ’s an Tuirc trath latha. Smaoinich e dol air tìr a ghabhail sràid. Bha e gabhail roimhe ’coiseachd. Chunnaic e dithis as an léintean ag obair, ’s mar gu ’m biodh da shùisd iaruinn aca. Dé bh’ ac’ ach corp duine. “Dé tha sibh a deanamh ris a’ chorp?” “’S e Criosdaidh a bh’ ann. Bha ochd mairg againn air, ’s o nach do phàigh e sinn nuair a bha e beo bheir sinn as a chorp leis na sùisdean e.” “Mata leigibh leams’ e agus pàighidh mi dhuibh na h-ochd mairg.” Rug e air—thug e uath’ e—phàigh e iad, agus chuir e ùir ’us talamh air. Bha e luath leis tilleadh air ais gus am faiceadh e tuilleadh de dh’ fhearann na Tuirc. Ghabh e air aghaidh treis, agus dé chunnaic e ’n’ sin ach grunnan mor dhaoine. Ghabh e null far an robh iad. Dé chunnaic e ach craoslach mor teine, de theine moi leathann, agus boirionnach eadar an teine ’s iad fhein. “Dé,” ars’ esan, “ a tha sibh a deanamh an so?” “Tha,” ars’ iadsan, “dà bhana Chriosdaidh a fhuair an Turcach mor. Rugadh orra air a’ chuan. Tha iad o chionn ochd bliadhna aige. Bha ’n te so ’gealltainn da gu ’m pòsadh i e h-uile bliadhna. Nuair a thàinig an t-àm cha phòsadh i bad deth. Dh’ òrdaich e i fhein ’s am boirionnach a bha comhla rithe ’losgadh. Loisgeadh an darna té dhiubh ’s tha i so gu ’n losgadh fhathast.” “Bheir mi fhìn dhuibh tiodhlac math airgid agus òir ma leigeas sibh leam i, agus faodaidh sibh a ràdh ris gun do loisg sibh i.” Sheall iad air a chéile. Thuirt iad gu ’m faigheadh e sid. Dh’ fhalbh e ’s thug e leis air bòid i, agus sgeadaich e i ’n aodach ’s an anart. (Ri leantuinn). Is fhearr a bhi leisg gu ceannach, na ruighinn gu pàidheadh. [TD 108] [Vol. 10. No. 15. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OCTOBER 11, 1901. Meudachd “Mhic-Talla.” Tha caraid a sgriobh ugainn o chionn ghoirid ag radh gu bheil e an dochas nach eil an latha fad as anns am bi MAC-TALLA a dha uiread ’sa tha e. Cha’n eil ni a cumail a phaipeir cho beag ’sa tha e ach nach eil gu leor de na Gaidheil ’ga ghabhail, agus nach eil moran dhe na tha ’ga ghabhail ’ga phàigheadh. Tha de Ghàidheil ann an Canada leatha fhéin na dh’ fhaodadh paipeir a choig uiread ri MAC-TALLA chumail suas; ach nuair nach cuir ach àireamh bheag dhiubh sin a dh’ iarraidh paipear Gailig, cha’n urrainn e ach a bhi beag agus fuireach beag gus an ionnsaich a mhor chuid an dleasdanas a dheanamh. Bu chòir do na Gaidheil anns gach cearna dhe’n t-saoghal seasamh gu dìleas ri cùl MHIC-TALLA, an aon phaipear-naigheachd Gailig a th’ ann. Na’n deanadh iad sin, chitheadh ar caraid a sgriobh mar a dh’ ainmich sinn, a dhùrachd air a toirt gu crich an ùine gle ghoirid. Am Mod Gaidhealach. Bha Mòd bliadhnail a Chomuinn Ghàidhealaich air a chumail ann an Glascho, air Dior-daoin, an naodhamh latha deug dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha an t-sìde fliuch, ach a dh’ aindeoin sin bha an cruinneachadh mor, agus cha ’n eil teagamh nach b’e so am Mòd a b’ fhearr a bha aig a Chomunn Ghàidhealach riamh. Bha am Marcus Greumach, brod a Ghàidheil, air cheann na coinneimh, agus rinn e òraid ghasda a brosnachadh nan Gàidheal gu tuilleadh a dheanamh os leth cainnt an sinnsir, agus a’ comharrachadh a mach dhòighean air am faodadh iad an cainnt ’s an ceol a theagasg ’s a neartachadh am measg an t-sluaigh, gu h-àraidh am measg na h-òigridh. Bha teachdaire á Eirinn aig a mhòd, agus labhair e gu blàth, càirdeil ris na Gàidheil, ag radh gu ’m b’ aon sluagh iad fein us muinntir a dhùthcha-san, gu ’m b’i ’n aon chainnt a bha aca, agus gu ’m bu chòir dhaibh a bhi aonaichte ga ’cumail suas. Na ’chainnt fhein:—“Tha Gaidhealtachd na h-Eireann agus Gaidhealtachd na h-Alba dlùth cheangailte ri cheile. Nach ionnan ainmnean nan laoch a ta againn le cheile, mar a ta Conchobhar Mac Nessa, Cuchulainn, Fionn Mac Cumhail, Ossein, Diarmad O’Dubhne, agus Conan Maol Mallaichte Mac Morna? Ta Gaidheil na h-Albann agus na h-Eireann measgaichte le cheile agus a nis fos ta Clanna na Gaidheal an gualainn a cheile an toir air ceartas air son teanga nan Gaidheal.” Bha barrachd dhuaisean air an toirt seachad ’sa bha aig Mòd riamh roimhe, agus bha barrachd a strith air an son. Bha iad le cheile cho lionmhor ’s nach gabh iad ainmeachadh ann an so. Cha ’n eil ach deich bliadhna o’n chuireadh an Comunn Gàidhealach air chois, ach tha e cheana nochdadh deagh thoradh air son a shaothair, agus tha gach dòchas aig a chàirdean nach eil anns na bha e na mheadhon air a dheanamh gu ruige so ach sgàile na bhios air a thoirt gu crìch anns na bliadhnaichean a tha roimhe. Gniomhan Oillteil. Tha an cleachdadh bruideil a tha cho tric air a chur an gniomh anns na Staidean a deas a sgaoileadh do na Staidean a tuath. Bha duine air a chrochadh gu mi-laghail ann an Helena, Montana, air an t-seachdain s’a chaidh, agus cluinnear o àm gu àm mu’n ni cheudna bhi air a dheanamh ann an Staidean tuathach eile. Beagan bhliadhnaichean air ais cha robh iomradh air a leithid ach a mhain anns na Staidean a deas, agus ann an cuid de na Staidean an Iar, agus bhiodh gach naigheachd a thigeadh a’ cur gaoir uamhais air feadh an t-saoghail. Ach an diugh tha na crochaidhean agus na losgaidhean anns na Staidean a deas cho lionmhor ’s nach eileas a gabhail suim sam bith dhuibh, agus mar a tha sinn a faicinn tha an cleachdadh a’ sgaoileadh do na Staidean eile. Ach tha muinntir nan Staidean gu h-iomlan air an dùsgadh; tha iad a faicinn uile an ni so a tha fàs nam measg, agus cha’n eil teagamh nach bi ionnsuidh làidir air a toirt air a chasg. Cha’n iad an sluagh a’s fhearr a tha ris na gniomhan oillteil so idir, ach an sluagh a’s miosa tha ’san dùthaich, agus cha’n ann air sgath ceartais a tha iad ris, ach air sgath a bhi dòrtadh fola. Fois. Tha doigh no dha ann air anail a leigeil agus fois a ghabhail,—direach a reir na dreuchd no na h-oibre a tha aig neach. Ma ’s gobhainn no fear aig am bheil obair throm, ghoirt, a tha ann, is solas agus faochadh dha suidhe am measg a theaghlaich ’s an fheasgar an uair a tha ’obair seachad, no eadhon ceum a ghabhail, le ’bhalachan aige air laimh, a dh’fhaicinn ailleachd agus maise na cruitheachd. Ma ’s cleireach no maighstir-sgoile a tha ann, gabhaidh e’ anail rud-eigin mar a ghabhas an taillear, no ma dh’ fhaoidte ann an tilgeil a’ chabair no na cloiche-neirt. Mar so chi sinn nach e idir dith saothaire no oibre a bhi gabhail fois, ach iomadh uair gur e muthadh oibre an fhois a’s fearr agus a’s freagarraiche do dhuine. Thug ar sinnsearan an aire do ’n ni so, oir, nach d’ thuirt iad anns na sean-fhacail, “An uair a bhios Murachadh ’n a thamh, bidh e ’ruamhar,” agus, “Faochadh gille ’ghobhainn,—bho na h-uird gus na builg.” Brogan Comhfhurtail (COMFORT SHOES) DO NA MNATHAN. Tha iad anabarrach blath mu na casan—air an deanamh air Felt—cuid le buinn Leathrach agus cuid le buinn Felt. Ann an Dubh ’s an Dathan eile} $1.00 & $1.15 Mar an ceudna— Brogan Seomair do na Caileagan, 75c. Brogan Seomair do ’n Chloinn 60c. Ann an Stor Mhor Bhrog REDDEN. Ross Block, Charlotte St. $10,000.00 Feumaidh an t-suim so a bhi againn MU ’N RUITH TRI FICHEAD LATHA —AGUS— So an doigh air am bheil Sinn a’ dol ’ga fhaotainn. Cha ’n ann le bargain a thairgse dhut ann an aon no da sheorsa bathair, ach leis gach ni a tha ’sa bhuth againn a thairgse air prisean a riaraicheas duine reusonta sam bith. Deagh chothrom air Caiseart agus Aodach Math fhaotainn saor do chloinn a tha ’dol dh’ an sgoil. Thig latha no oidhche sam bith gus am bi an Reic Shaor seachad. Ma bhios tu ceannach fiach $4.00 no barrachd de bhathar, agus nach tachair dhut a bhi comasach a phaigheadh aig an am, faodaidh tu pairt dhe a phaigheadh, agus cumair an ni tha thu ceannach fad seachdain dhut. Mills, MacKenzie & Ross. Faineachan Faineachan FAINEACHAN OIR AIR PRISEAN A THA RUITH O $0.75 GU $200.00 Faic na Faineachan a th’ againn air $3.50 ’s air $4.50 Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. [TD 109] [Vol. 10. No. 15. p. 5] Naigheachdan. CEARTACHADH AINME—Anns an àireamh mu dheireadh thug sinn cunntas air bàthadh a rinneadh ann an Sidni Tuath, a’ toirt seachad mar ainm an fhir a bha air a bhàthadh, Eanruig Brooks. ’S e b’ ainm dha Eanruig Lakes. Dh’ fhag e bean òg agus aon duine cloinne. MARBHADH NAN CEARCA TOMAIN—Tha cead aig daoine a nise air cearcan tomain a mharbhadh, ni nach robh aca o chionn da bhliadhna, agus tha gach duine ’s urrainn gunna chur ri shùil a mach ga ’n sealg. Tha iad gu math lionmhor an àiteachan, agus thatar a marbhadh moran dhiubh. DROCH DHIOL AIR EACH—Bha fear Micheal Donnelly, mèinneadair, air a thoirt gu cùirt an Glace Bay air an t-seachdain s’a chaidh, agus chuireadh càin $36.00 air airson e dheanamh droch dhiol air each leis an robh e ’g obair. Tha e gle cheart gu ’m biodh daoine bhios a toirt ana-ceartas do na brùidean bochda air am peanaisteachadh gu trom. Rinneadh gniomh graineil air each fiachail ann an Sidni Tuath o chionn ghoirid,—an teanga ghearradh as a bheul,—ach cha d’ fhuaireadh greim fhathast air an uile-bheist a rinn e. SGIORRADH BASMHOR—Di-luain s’ a chaidh, chaochail Iain S. Domhnullach, aig a Bheighe ’n Ear, air sàilleamh goirteachaidh a fhuair e beagan lathaichean roimhe sin. Bha e ’sealg chearca tomain, agus bha an gunna bh’ aige sean, ’s air a lòdadh ro throm, agus nuair chaidh e losgadh bhrist an urchair a mach air a cheann gharbh. Bha a ghualla ’s a ghairdean air an reubadh gu dona, agus phuinnseanaicheadh ’fhuil, ni a dh’ aobharaich a bhàs. Bha e seachd bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us triùir chloinne. MORT AN GLACE BAY—Bha fear Paddy Porrier, a mhuinntir Cheticamp, air fhaotainn marbh ann an acarsaid Ghlace Bay o chionn cheithir la deug air ais. Bhatar an dùil nuair a fhuaireadh a chorp gu ’m b’e bhàthadh a rinneadh, ach rinneadh a mach uaithe sin gu ’n robh lamh aig duine ’na bhàs, agus gu robh e marbh mu ’n deach a chur dh’ an uisge. Cha d’ fhuaireadh na ciontaich fhathast, agus ma tha amharus air neach sam bith cha d’ rinneadh follaiseach e. Thachair bàs dhe ’n t-seòrsa so ann an Glace Bay uair us uair o chionn beagan bhliadhnaichean, agus bu chòir gach oidheirp a thoirt air na ciontaich a thoirt gu ceartas air an turus so, a chum cliù na dùthcha agus tearuinteachd an t-sluaigh a ghleidheadh. BATHADH MULADACH—Rinneadh bàthadh muladach aig na Narrows Bheaga Di-haoine s’a chaidh, leis ’n do chaill Tearlach, mac do Chaiptean Iain Domhnullach, a bheatha. Bha an Caiptean air tilleadh á St. Pierre, ’s leis an stoirm a bhi gle mhor aig an àm b’ fheudar dha an soitheach a leigeil air acair astar beag o thir. Chaidh a mhac agus fear eile mach le bàta gus a thoirt gu tir, ach bha a mhuir cho garbh ’s gu robh am bàta air a chur fodha. Fhuair am fear eile snàmh gu tir, ach bha esan gun chomas snàmh aige, air dha bhi crùbach, ’s chaidh a bhàthadh. Bidh càirdean agus luchd-eòlais lionmhor a Chaiptein Dhomhnullaich ’sa theaghlaich duilich an sgeula bochd so a chluinntinn, agus bidh co-fhaireachdain aca riutha ’nam bròn an deigh na buille ghoirt a fhuair iad. AIREAMH SLUAIGH CHANADA—Tha e coltach nach robh an cùnntas a thugadh seachad roimhe so air àireamh sluaigh Chanada gun mhearachd. Agus bheir e toileachadh dhuinn uile fios fhaotainn gu bheil corr us coig gu leth millein sluaigh ann an Canada, an àite 5,338,883 mar a thugadh seachad roimhe. Bidh fàs na dùthcha anns na deich bliadhna, 1891 gu 1901, mar sin dlùth air 680,000. SOIRBHEACHADH LEIS!—Fhuair sinn cairt o phost-mhaighstir air an dùthaich, ag innse dhuinn gu ’n robh am paipear a bha air a sheòladh gu duin’ àraidh nach ainmich sinn air fhàgail anns an oifis; gu robh an duine air a dhol dh’ an Iar Thuath a dh’ ionnsuidh na buana. Tha sinn a guidhe turus math agus soirbheachadh a bhi leis an duine th’ ann; agus tha dòchas againn gu ’n teid aig air a sheachnadh de dh’ airgiod na buana na phàigheas an da bhliadhna gu leth dhe ’n MHAC-TALLA a dh’ fhàg e ’na dheigh. SLAINTE RIGH IOMHAIR—Tha fathunnan a dol mu’n cunairt o àm gu àm nach eil Righ Iomhar a faotainn a shlàinte, ach tha iadsan aig ’m bu chòir fios a bhith ag radh nach eil eagal san bith dha thaobh. Bha amhach a cur dragh air o chionn beagan ùine air ais, agus tha e coltach gu robh amhrus aige féin gu’n tigeadh e gu cansair dha, ged a bha na lighichean dhe ’n bharail nach robh cùram sam bith dha. Cha’n eil teagamh nach b’e so a dh’ aobharaich na fathunnan mu e bhi ann an droch shlàinte. Cha mhor iochdarain a tha aig Righ Iomhar nach eil an dòchas gu meal e a shlàinte, agus gu’n rioghaich e os an cionn gu glic agus gu ceart gu ceann iomadh bliadhna. TORADH DHROCH LEABHRAICHEAN—Chaidh losgadh air duin’ òg a mhuinntir an eilein so, Iomhar Mac Leoid, air an t-sraid ann a Halifacs an la roimhe le gille beag d’ an ainm Bulger. Chaidh am peilear ’na laimh beagan fo’n uilinn, agus ged nach eil an lot cunnartach tha cràdh mor ann. Cha robh aobhar sam bith aig a ghille air deanamh mar a rinn e, agus thatar a deanamh a mach gu’m b’e chuir an cron ’na cheann a bhi leughadh leabhraichean mu na daoine fiadhaich fuileachdach, a tha, ma ’s fhior, ri ’m faotainn anns na Staidean an Iar. Bha Mac Leoid ann an Sidni fad an t-samhraidh s’a chaidh ann an oifis lagha, agus tha e ’n dràsda dol dh’ an cholaiste. Is mac e do Mhurchadh Mac Leoid, ann an Dingwall an siorrachd Victoria. AN CUPAN RI FUIREACH—Tha an duais air son an robh an da bhirlinn ag obrachadh, Cupan na h-America, ri fuireach air an taobh so dhe ’n Atlantic. Choisinn an Columbia tri réisean an deigh a cheile, agus cha do choisinn an Shamrock aon idir, ged a chaidh i gach uair anabarrach faisg air. Cha robh i ach gann leth mionaid air deireadh air a Cholumbia anns gach réis, agus mar sin chaidh i na bu teinne air an duais a thoirt bho na Geancaich na chaidh birlinn Bhreatunnach riamh o’n thainig o nall an toiseach. Tha Sir Tomas Lipton an deigh còrr us da mhillein dolair a chosg a feuchainn air son a chupain, agus cha’n eil e ro choltach gu’n toir e ionnsuidh tuilleadh air. Tha e làn riaraichte leis mar a dhéilig na Geancaich ris, agus ag aideachadh gu saor gu’m b’e dh’ aobharaich e chall na réise nach b’i an Shamrock a bhirlinn a b’ fhearr dhe ’n dithis a bha ruith. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. Thig sinn suas ris an fheadhainn a’s fhearr ann an deanamh Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa Bathair-Each. ’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 110] [Vol. 10. No. 15. p. 6] Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha ùine mhor bho nach do sgriobh mi ni sam bith anns a chànain so, agus tha e gle dhuilich dhomh na nithean a bu mhath leam a chur sios a chur an òrdugh mar bu mhath leam. Ach nuair a ni duine mar is fhearr a’s aithne dha, cha ’n urrainn e ’n tuilleadh a dheanamh. Tha ’n samhradh air falbh, agus earrann mhor do ’n fhogharadh, agus cha bhi an ùine fada gun an tig stoirmeannan fuar a gheamhraidh oirnn. Ged a bhios sinn a gearain air an teas tha mi a smaointean gu bheil e ni ’s usa bhi beò ann na bhi ga ’r feannadh le fuachd a gheamhraidh. Bha ’n t-sìde gu math teith air so re an t-samhraidh, agus bha i fuathasach tiorm, agus leis a sin cha ’n ’eil am bàrr ach gle aotrom agus goirid. Thainig an t-sìde gu math fliuch mu ’n d’ fhuair moran ullamh am fogharadh, agus chaidh moran de ’n bhàrr a dholaidh leis cho fliuch ’sa bha ’n t-sìde. Tha sinn an nis gu trang a bualadh. Tha ’m bàrr a tionndadh am mach gle mhath, a réir na connlaich. Bha moran tinneas againn anns an àite so ré na miosan a chaidh seachad. Bhàsaich moran, sean agus òg. Ach ’s ann mar sin a bhitheas e am fad ’sa bhios duine beò—bidh bàs ann. Tha sinn a cumail beò na Gàilig ann am Priceville gle mhath, co-dhiu am fad ’sa bhios sinne aig am bheil i beò, agus ’na dheigh sin deanadh iad mar a thoilicheas iad rithe. Ach bidh muinntir éigin beò a chumas suas i air son cliù an sinnsir. Bha mi a leughadh litir an duine chòir, Bodachan a’ Ghàraidh, ann an toiseach a phàipear o chionn ghoirid, agus feumaidh mi aideachadh gu ’n robh mi a tarruing dealbh chearr air an duine ré nam bliadhnachan a chaidh seachad. Bha mi a smaointean gur e bh’ ann duine beag crotach, sean, a bha dol am mach a h-uile latha agus spaid na laimh a ruamhar a ghàraidh. Ach an uair a leugh mi a litir mu dheireadh thug i orm m’ inntinn atharrachadh mu dheibhinn an duine, oir tha mi am barail gur e th’ ann a nis duine mor, gasda, an-treis a spionnaidh agus a neart. C’arson? Tha leis na comhairlean a bha e’ toirt air na nigheanan òga. Feumaidh iad a bhi gu math deanadach ma ni iad a réir comhairle Bodachan a’ Ghàraidh, oir tha mi am barail gu bheil e ag amharc am mach air son té de na creutairean matha so, nach fhaca duine bochd riamh an sàs gun truas a ghabhail dheth air son comhnadh a dheanamh dha an àm an fheuma. Tha obair an cement a dol air aghart ann am baile Durham. Tha e toirt moran obrach do dhaoine agus do dh’ eich. Bha Iain Mac Artair agus Gilleasbuig Mac-an-Ime (Butter) ann an Glasacho air an t-samhradh so. ’S e Muileach a th’ ann an Iain, agus Uidhisteach ann an Gilleasbuig. Tha iad a coimhead gu math an deigh an turuis. Fhuair mi paigheadh bho Iain Mac Cuithein, á Boothville, air son MHIC-TALLA gu bhliadhn’ ùr. Tha bean Iain na sgoileir math Gàilig, agus is math le Iain a bhean a thoileachadh ann a bhi toirt dhi MHIC-TALLA. Tha mi cinnteach gun dean an ceartas dhomh a nis a bhi smaoineachadh air a bhi sgur. Ach ged a bhios mo litir car beag fada bha i gle fhada tighinn, agus leis a sin tha mi an earbsa mhath ’san duin’-uasal tha aig an stiùir nach dean e dearmad gun a bhi toirt àite do m’ litir ’na phaipear gasda. Bidh mi a nise sgur a sior ghuidhe soirbheachadh math leis a MHAC-TALLA agus leis an fhear-dheasachaidh. Slàn leibh an drasd’. Is mi ’ur caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Soirbheachadh a Mhoid. Bha soirbheachadh sonruichte aig a’ chruinneachadh so air a’ bhliadhna so; agus tha e ’na onoir do ’n Oban gu’n d’ fhuair am Mòd a bhith ’s a bhreith ’na chrìochan mu dheich bliadhna roimhe so troimh altrumas grinn caoimhneil an Olla Urramaich, an Stiubhartach an Lochabar air am bi cuimhne ghràdhach ré ioma linn. Co-cheangailte r’a ainmsan gheibhear ainm urramach eile air am bheil Gàidheil anns gach ceàrn feadh saoghal nan Albannach eolach, ’se sin an t-Olla Urr Raibeart Blàr, D. D., a ghléidh coicheangal gràidh is tairiseachd ris a’ chànain is ris an t-sluagh o làithean òige gus an latha an diugh. Bha taic mhath air a toirt do’n chùis leis a’ phapeir so bho’n thòisich an obair, agus tha e ’na aobhar phròis, mar chanas ar càirdean an Tuath, gu’n d’ thug ar siorrachd féin breith do ghluasad a tha ’na mheadhon cho éifeachdach ann a bhi cumail ar cànain, ar litreachas, is ar cleachdainnean beò. Gu’n robh buaidh leis na seòid deas is tuath, sean is òg a tha deanamh an dìchioll air cliù na dh’ fhalbh a ghleidheadh mar bu chòir.—Oban Times. Bas Chaluim-Chille. SHUIDHICH Calum-Cille Taigh-foghluim ann an I, far an robh moran dhaoine òga air an teagasg ann an eolas nan Sgriobtur agus air an uidheamachadh gu dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air feadh na tire. Bhuanaich e re ceithir bliadhna deug air fhichead a’ searmonachadh anns gach aite air feadh na Gaidhealtachd gus an d’ thainig na Gaidheil no na Pictich thuathach gu leir gu bhi a’ creidsinn na firinn; agus tha e air ’aithris gu ’n do thog e corr agus tri cheud Ceall no Eaglais air feadh na h-Alba ann an caochladh aitean. Theirear “Cilltean” ris na h-aitibh-aoraidh so gus an la an diugh mar a dh’ ainmicheadh MAC-TALLA AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1.00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1.52 DO BHREATUNN, DO NEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE. CEUD mile furain agus failt’ Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh! ’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas O bhliadhn’ gu bliadhn’ An gliocas, tuigse, tur is ceill; An eolas air gach ni fo ’n ghrein; Am meas, an cliu ’s am moran speis, An ear ’s an iar. Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein A’s mo do ’n tug mi ’thlachd’s a’ speis; ’S a bhuadhan co ni chur an geill Le peann ’s le guth? An t-armunn maiseach, uasal, grinn, A choisinn cliu le luaths a phinn. Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir ’S an cluinnteadh ’ghuth. Mo mhile beannachd aig an dream A tha ’toirt aoidheachd dha gach am, ’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall, An am an fheum’: Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar, A choisinn cliu is buaidh ’s na blair, A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath ’S gach ait’ fo ’n ghrein. —Bodachan a’ Gharaidh. THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEACHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN. “Cho Gaidhealach ri Fad Moine.” [TD 111] [Vol. 10. No. 15. p. 7] iad air tus le Calum. Bha e fein agus a chompanaich a’ saoithreachadh gun sgios am measg an t-sluaigh gus an d’ fhuadaich iad saobh-chreideamh nan Druidhneach gu buileach a mach as an tir gus an d’ thainig an duthaich gu h-iomlan gu bhi ag aideachadh a bhi ’creidsinn ann an Criosd. Theirteadh “Cuildich” mar ainm ris an dream a bha ’n an co-luchd-oibre maille ri Calum-cille ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil. Fhuair Calum-cille bas anns a’ bliadhna A. D. 597, air oidhche Di-Sathuirne, an 9mh la d’ an Og-mhios. Mu mheadhon oidhche chaidh e steach do ’n Eaglais mar bu ghnath leis a dheanamh urnuigh. Chaidh e sios air a ghluinibh aig beulaobh na h-altarach. An ceann beagan uine lean a sheirbhiseach, Diarmad, a stigh as a dheigh, agus ghlaodh e a mach “C’ait’ am bheil thu, athair?” Fhuair se e ’n a shineadh an lathair na h-altarach agus e cosmhuil ris a’ chrich dheireannaich. Thainig na braithrean uile a stigh an sin agus thoisich iad ri gul agus caoineadh an uair a chunnaic iad an athair spioradail cosmhuil ri dol a chum a’ bhàis; ach smeid esan riutha le ’laimh o nach b’ urrainn e labhairt, a’ ciallachadh gu’n robh e a guidhe beannachd orra, agus goirid an deigh sin thug e suas an deo. An ceann tri laithean chaidh ’adhlacadh ann an Reilig Orain. Facal do na Nigheanan Oga. LITIR VII. “A’ caoidh a’ ghaire a rinn i ’n uiridh.” THA e anabarrach iongantach cho beag aire ’sa tha an aireamh a’s mo de shluagh an t-saoghail a’ toirt do na tha iad a’ faicinn ’s a’ cluinntinn o latha gu latha. Chi iad an co-chreutairean a tuiteam ann an iomadh tubaist le ’n coireannan fhein, agus an aite rabhadh a ghabhail ’s ann a tha iad, mar is trice, a’ cur a’ ghnothaich ann an neo-shuim. Feumar aideachadh gu bheil beag is mor, sean is og, ciontach de ’n neo-shuim so. Ach ged a tha so uile fior cha ’n fhaodar leithsgeul muinntir a ghabhail. Ged a dh’ fhaodas aireamh mhor a bhi ’leantuinn bheachdan agus dhoighean faoine, cha tionndadh sin an fhaoineis gu gliocas. Bidh an fhaoineis ’na faoineis ged a bhiodh an saoghal mu ’n iath a’ ghrian an toir oirre. Ged a theireadh sluagh an t-saoghail gu bheil a h-uile eun a th’ anns an ealtuinn geal, cha ’n atharraich an cainnt dath aoin ite ann an aon eun. “O,” arsa neach araidh, “tha fios againn air sin cho math ribh fhein.” Faodaidh gu bheil, ach ’s i cheisd, Am bheil sinn a’ deanamh feum de ’n fhiosrachadh a th’ againn? Am bheil sinn a’ meudachadh ar fiosrachaidh, agus ar gliocais gach latha, le bhith ’toirt fa near, agus a’ beachd smaoineachadh air mar a thainig cuid de’r luchd-eolais gu bhith anns an t-suidheachadh anns am bheil iad? Thugamaid fa near co muladach ’s a tha e bhith ’faicinn mar a tha cuid nan truaghain bhochda, gun mheas, gun chliu, air tailleamh an goraiche fhein. “Cha’n e ’n goraiche fhein uile gu leir a’s coireach gu bheil iad mar a tha iad, ach eutromas na h-oige,” arsa neach araidh. A charaid, cha’n ’eil ann an eutromas na h-oige ach ainm eile air goraiche. Tha duil aig cuid gu foghainn daibh ainm ur a thoirt air ni toirmisgte, agus gu ’m bi chuis ceart gu leor. Ciod a th’ ann an ainm? Faodaidh gu freagair sinn a’ cheisd so aig am eile. Ach nach ’eil e fior gu leor gu’n cuir sealladh fhaicinn de nighinn oig ’s i ’n deigh a dhol ’na h-ablach truagh le a goraiche fhein cianalas oirnn? Cha’n ’eil ni ann, tha mi ’m beachd, a bhuineas do chor na beatha tha lathair a’s luaithe bhristeas spiorad nighinn oig na bhith “caoidh a ghaire a rinn i ’n uiridh.” Cha ’n ’eil coire sam bith ann an gaire dheanamh an uair a tha aobhar air a shon, oir tha e sgriobhta gu bheil am gu gaire ann. Ach tha leithid de ni ann agus “gaire mu aobhair a’ ghuil.” Is e aobhar guil a th’ ann a bhith ’faicinn na h-oigridh a’ caitheamh nam bliadhnachan a’s fhearr de’ m beatha ann an obair a bheir iomadh deur o’n t-suil aca ’na dheigh sin. ’Nuair a dh’ fhosglar an suilean ’s a chi iad sealladh dhiubh fhein bidh iad toileach iad fhein fhalach, ach cha ghabh e deanamh. “Ge b’e nach seall roimhe seallaidh e na dheigh.” Seallaibh-se nigheanan òga romhaibh air eagal, ann an tùs ’ur latha, gu ’n gabh sibh ceum air son am bi aithreachas oirbh. Faodaidh sibh a bhith cridheil, aoidheil ris gach neach. Ach thugaibh an aire co ris a ni sibh companas. Cha ’n ionnan a bhith aoidheil, cridheil, caoimhneil ri muinntir a thachras ribh, agus a bhith ’gabhail muinntir mar chompanaich nach ’eil aon chuid measail no modhail. “Truaillidh droch comhluadar deagh bheusan.” “Innis thusa dhomhsa co iad do chompanaich, agus innsidh mise dhutsa co thu fhein.” Thugaibh an aire nach bi sibh ro dheidheil air cuideachd anns am bi comhradh amaideach agus baoth shugradh. Na bithibh deidheil air a bhith ’falbh o aite gu aite. So agaibh mar a thuirt nigheann og a bha ’caoidh a’ ghaire a rinn i ’n uiridh— “Bheirinn mo mhallachd Air nionaig gu bràth, Bhiodh trom air an danns’, Agus gealltach air bàl; Bha mise gle shiubhlach O àite gu àit’, Gus an d’ fhàs mi cho dùmhail ’S nach lùb mi gu làr.” Bheir mi iomradh air aon te eile, a fhuair a togail gu measail, cliuiteach, ach le bhith tuilleadh is tric ann an comunn na muinntir a tha amaideach, baoth, chaill i a meas ’s a cliu, agus an uair a bha i ann an taigh beag, bochd leatha fhein, gun neach leis am bu truagh i, chuir i sios anns na briathran a leanas a beachd oirre fhein agus air muinntir eile:— (Air a leautuinn air taobh 112). Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto, Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. [TD 112] [Vol. 10. No. 15. p. 8] (Air a leantuinn o thaobh 111.) Facal do na Nigheanan Oga. “CAOIDH A’ GHAIRE ’RINN I ’N UIRIDH.” “Sibhse ’nigheannan oga, ’Th’ ann an toiseach ’ur toisich, Cuiribh cùl ris a’ ghoraich’, Mu ’n toir i bron air ’ur cridh’; Gabhaibh comhairle uamsa, Ged a tha mi ’nam thruaghan, Bha mi roimhe cho uallach Ri h-aon a dh’ uaislean na tir; Bu toil-inntinn gach la dhomh ’Bhith ri mire ’s ri manran, ’S a bhith ’sireadh ceol-gaire Air feadh gach cearna de ’n tir; B’ ard a chluinnteadh mo ghaire ’N am bhith coiseachd na sraide, ’S mi ’n duil nach bithinn gu brath ’Nam aobhar naire dhomh fhin. “Fhuair mi comhairl’ o m’ mhathair, O m’ aon phiuthar ’s o m’ bhrathair, ’S o’n chuid eile de m’ chairdean, Mi sgur gun dail de mo dhoigh; ’N aite cluas thoirt do ’m briathran, Sgur de ni’ dhoighean mi-chiatach, ’S ann a lean mi le diarras A’ chuideachd dhiomhain, ’s an spors; Ceum air cheum bha mi claonadh, ’Leantuinn doighean an t-saoghail, ’N cuideachd oigfhearan baoghalt’ ’Bha ’n toir air faoineis ’s air ceol, Gus mu dheireadh an d’ fhas mi Dalma, ladurna, dana; B’e mo rogha ceol-gaire ’Bhith ’measg palabhair is oil. “Chaill mi buileach mo naire, Chaill mi comunn mo chairdean, Cha tig piuthar no brathair, Leis an naire, ’nam choir; Dh’ fhalbh mo shunnd ’s mo cheol-gaire, Dh’ fhalbh mo mhire ’s mo mhanran, Dh’ fhalbh a’ mhaise ’s an ailleachd A tharruinneadh gradh a’ ghill’ oig; Tha mi ’n diugh ann am thruaghan, Anns a’ bhothan gun tuar so, Gun aon neach leis an truagh mi Am measg an t-sluaigh ’rinn mo leon; Chuir iad cul rium gu buileach: Latha bhroin is na dunach! Dh’ fhalbh mo sholas o ’n uiridh: Tha mi buileach fo sgleo. “Mo chreach ’s mo léireadh mar thàinig! Nigheann m’ athar ’s mo mhathar, A bhith ’n diugh mar a tha mi, ’Nam chuis ghrain air gach doigh, ’Nuair bu choir dhomh bhith ’gluasad Ann an comunn nan uaislean! Och, nach robh mi ’nam shuain ’S an leabaidh fhuair tha fo ’n fhoid! An taigh dorocha gun solus, Far an sealbhaichear sonas, Far ’m bi fois o gach corruich Aig a’ choluinn gun deo; Fardach udluidh na di-chuimhn’ Far nach araichear mi-run, Gu la bhrath gus an cluinntear Guth an Righ aig a’ mhod. “An siol a chuirear ’s na cluainibh Anns an Earrach ’s e bhuainear, ’S bidh an toradh, mo thruaighe! Iomadh uair fichead fillt’: Ged a dh’ innseadh so dhomhsa Iomadh uair le luchd-eolais, Mheas mi suarach an comhradh, O nach do chord e rium fhin; Tha mi ’n diugh gu trom, tursach, ’S tric snidhe air mo shuilean, Chionn gu ’n d’ chuir mi mo chul ri Solus iuil an Ard-Righ, A bha dealradh mu ’n cuairt domh, ’N uair a bha mi ’nam ghruagaich, Eutrom, aigeannach, uallach, An duil gu ’m buanaicheadh tiom. “Gabhaibh rabhadh o m’ sgeula, Seachnaibh cuideachd mhi-cheillidh, Bithibh banail, deagh-bheusach, A’ leantuinn ceutachd is cliu; Seachnaibh comunn nan oigfhear A bhios tric ’s an tigh-osda; Cha bhi rath air an seorsa, Chaoidh na posaibh fear dhiubh: Seachnaibh ceilidh na Sabaid, ’S e thug uamsa mo naire; Iarraibh gliocas o ’n airde, ’S bidh neart do ghnath air ’ur cul; Bidh ’ur lamhan an comhnuidh An obair mhath de gach seorsa: Seachnaibh, seachnaibh a’ ghoraich’, Bheir sios le bron sibh do ’n uir.” Is mi bhur dearbh charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Oran do Bhata. LE AONGHAS MAC EACHARN, GLASCHU. Mar dhearrsa reult na maidne Roimh na baideil dhùmh’l, Chi mi Venus mhaiseach ’Snàmh ’s a challa chiùin; Buill dhireach, ruighinn, ghramail, Toirt siùil gheala dlùth, Ri sparraibh sùighte, fallain, Air nach fàilnich lùth’s. Do bhuadhan ’s tric mi ’g àireamh Air an tràigh ri d’ thaobh, Leughar air gach clàr dhiot Grinneas làmh nan saor; Sinnteach, sniomhach, lannach, Dionach, dannar’, dlùth; Giubhas fìnealt, fallain, ’S aisnibh daraich shùight’. ’N àm cur sheol ri d’ chrannaibh, ’S t-acair thoirt a grunnd, Gillean bhiodh ’nan cabhaig, Tarruing bhallaibh dlùth; Gu muir ghàbhaidh teannadh, ’S frasan a’ tigh’n dùmh’l, Na meallaibh àrd cha bhac thu, ’S làmh neo-ghealt’ a’ d’ stiùir. Air bhàrr thonna caor-gheal Mach air aodann cuain, Frasan cruaidh nam faoileach Tigh’n le gaoir o’n tuath. Luingeis nan crann-caola Pasgadh aodaich cruaidh, ’S tusa mar an fhaoileig, Air gach taobh toirt buaidh. Cha ’n ’eil eun ’s an ealtainn, ’N uair a’s caise ’n ruaig, ’Dh’ fhàgas ann an astar Té nan lannaibh ruadh; Muir dhu-ghorm ga sgapadh, Sruthaibh bras fo d’ chluais, Buill chaineaba chruaidh an glacaibh. Sgioba gaisgeil, cruaidh. ’S tu thogadh fonn nam fearaibh, ’N àm toirt fearainn dlùth, A’ direadh thonn gu h-eangarr’, ’S ga ’n cuir seach’ na ’n smùid; Bhuait cha chluinnte gearan Neo-mhearachdach do chùrs’, H-uile meall a ghleachd riut Chaill e ’neart roimh d’ ghnùis. Cha ’n aithne dhomhsa d’ fheartan ’Chuir gu ceart an céill, Do bhuadhan a’s do thapachd Tha gun stad am bheul; Gu ma fad’ thu ’d uidheam, Sgioba ullamh, gleust’, A sheasas treubhach, guineach ’N uair ’bhios muir tigh’n breun. OR AS AN YUKON—Thainig soitheach-smùide as an Yukon do Staid Washington toiseach a mhios so, a’ giulan fiach millein dolair de dh’ òr. Bha da cheud us sia deug de luchd-turuis air an t-soitheach, muinntir a bha air fas sgith dhe’n dùthaich, no a bha air son an dachaidhean fein fhaicinn aon uair eile. Tha an t-òr a’ fàs gann anns an Yukon, agus cha mhair e moran bhliadhnaichean, ged a dh’ fhaodas iadsan aig am bheil àitean-cladhaich ann bheairteas mor a deanamh fhathast. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. NUAIR A BHIOS TU.... ag uidheamachadh taighe tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinn ’s is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhe—coig piosan—air $35.00. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manger, Charlotte St. Brogan Saora. Brogan matha dhe gach seorsa—Brogan Fhear, Brogan Bhan, Brogan Cloinne, na seorsachan a thatar a cosg an cumantas, no mar a theirear riutha, Brogan Obrach. Tha iad so ri ’m faotainn gu saor aig Mills, MacKenzie & Ross. Air seann larach Iain A. Mhic Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur=Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA=CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 113] [Vol. 10. No. 16. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 18, 1901. No. 16. Mac na Bantraich Bharrach. NIS,” ars’ ise, “shàbhail thu mo bheatha dhomh. Feumaidh tu ’n aire thoirt ort fhein ’s an àite so. Theid thu suas a nis do ’n tigh sheinns’ ud shuas. Cuiridh fear an tigh sheinnse ceist ort dé ’n luchd a th’ agad. Abraidh tusa luchd guail. Abraidh esan gur math a mhiadh sid ’san aite a bheil thu airson a reic. Abraidh tusa gur ann airson a reic a thàinig thu; dé ’n tairgse bheir e air. Their esan, “Am màireach air sia uairean bidh waggon òir a’ dol a sios ’s waggon guail a’ dol a suas, air alt ’s gun cumar an soitheach anns an aon trim gu sia uairean an ath oidhch.’” Abair thusa gu ’n gabh thu sid; ach anns an oidhche, mar am bi thusa a d’ earalas, thig iad nuair a tha h-uile duine nan cadal, le musgannan ’s le dagannan, cuiridh iad an soitheach air a ghrunnd, marbhaidh iad a h-uile duine, ’s bheir iad leo an t-òr.” Chaidh e far an robh fear an tigh sheinnse agus chòrd e ris mar a sheòl is’ e. Thòisich iad an la-iar-na-mhàireach ’sa mhadainn air cur sios an òir ’s air toirt suas a’ ghuail. Bha fear aig an sgiobair ’na sheasamh ag amharc gu ’m biodh an soitheach ann an trim. Nuair a bha ’n gual am mach, ’sa bha ’n soitheach cho trom leis an òr ’s a bha i leis a ghual, ’s nuair a bha esan air tìr, fhuair ise òrdan na seòladairean a ghabhail a comhairle gus an tigeadh esan. “Cuiribh suas,” ars’ ise, “na siuil, ’s tàirnibh na h-acraichean. Cuiribh ròp’ air tir.” Rinn iad sid. Thainig esan air bòrd. Sheol an soitheach air falbh feadh na h-oidhche. Chual iad urchair; ach bha iadsan a mach ’s cha d’ rug iad orra tuilleadh. Sheòl iad gu ruige Sasunn. Bha tri soithichean air tilleadh, ’s bha na tri sgiobairean am prìosan gus an tilleadh Iain. Ghabh Iain suas ’s ràinig e ’oide. Chaidh an t-òr a thoirt air tìr, ’s bha da thrian aig a bhodach, ’s trian aig Iain. Fhuair e seombraichean do ’n bhoirionnach far nach cuirteadh dragh oirre. “A bheil thu smaoineachadh gu ’m falbh thu fhathast?” ars’ am boirionnach ris. “Tha mi smaoineachadh gu bheil gu leoir dhe ’n t-saoghal agam an sid fhein.” “Dh’ fhalbh thu roimhe le d’ thoil fhein; na ’m biodh tu cho math ’s gu ’m falbhadh tu nis le ’m thoil-sa.” “Ni mi sin.” “Falbh do ’n bhùth ud a muigh agus thoir as còta, briogais agus peitean. Feuch am faigh thu luchd sgadain, agus theid thu do ’n Spàin leis. Nuair a bhios an luchd a stigh thig far a bheil mise mu ’n falbh thu.” Nuair a fhuair e ’n luchd air bòrd chaidh e far an robh i. “An d’ fhuair thu ’n luchd air bòrd?” “Fhuair.” “Tha deise ’n so, ’s a chiad Dòmhnach an deigh dhuit an Spàin a ruigeachd cuiridh tu umad i agus theid thu do ’n eaglais leatha. So fìdeag, agus fàinne, agus leabhar. Bidh each agus gille leat. Cuiridh tu ’m fàinne air do mheur, agus bidh an leabhar a’ d’ laimh. Chi thu anns an eaglais tri cathraichean—da chathair amluidh òir, agus cathair airgid. Beiridh tu air an leabhar ’s bidh tu ’ga leughadh, ’s a’ cheud duin’ a theid a mach as an eaglais bi thus’ a mach; na fan ri duine beò mur an coinnich an righ ’sa bhan-righ thu.” Sheol e gu ruig an Spàin, ghabh e acarsaid, ’s ghabh e suas do ’n taigh sheinnse. Dh’ iarr e dinneir a chur air dòigh. Chuireadh an dinnear air a bhòrd, agus dh’ fhiadhaicheadh sios e ’ga iarraidh. Chuireadh trinnsear air a’ bhòrd agus mias air a mhuin, agus thuirt bean an tigh sheinnse ris, “Tha biadh a’s deoch gu leoir air a bhòrd mu ’r coinneamh; gabhaibh ’ur leoir, ach na togaibh a mhias a th’ air muin an trinnseir.” Tharruinn i ’n dorus leatha. Thòisich e air a dhinneir. Smaoinich e aige fhein ged a b’e ’làn òir a bhiodh anns an trinnseir, na ’làn daoimean, nach deachaidh sgath riamh air a’ bhòrd nach fhaodadh e phàigheadh. Thog e mhias bhar an trinnseir, ’s dé bh’ air an trinnsear ach da sgadan. “Ma ’s e so rud a bha i falach orm cha ruigeadh i leas e.” Dh’ ith e aon sgadan ’s an darna taobh do ’n fhear eile. Nuair a chunnaic bean an taighe gu ’n robh ’n sgadan ithte—“Mo chreach mhor!” ars’ ise, “mar a dh’ eirich dhomh; nach robh mi latha riamh nach fhaodainn muinntir na rioghachd a ghleidheadh gus an diugh.” “Dé dh’ eirich dhuit?” ars’ Iain. “Tha nach robh mi latha riamh nach faodainn sgadan a chur air am beulthaobh gus an diugh.” “Dé bheireadh tu air baraille sgadan?” “Fichead punnd Sasunnach.” “Dé bheireadh tu air luchd soithich?” “Sin rud nach b’ urra mi ’cheannach.” “Mata, bheir mise dhuit da cheud sgadan airson an da sgadain. B’ fhearr leam gu ’n robh ’n soitheach air falbh ’s na sgadain creichte.” A cheud Di-dòmhnaich fhuair e each le strain ’us diollaid, agus gille. Dh’ fhalbh e do ’n eaglais. Chunnaic e na tri cathraichean. Shuidh a bhan-righ air an laimh dheas de ’n righ ’s shuidh e fhein air an laimh thoisgeil. Thug e mach an leabhar as a phòca ’s thòisich e air leughadh. Cha b’ ann air searmoin a bha air’ aig an righ no aig a bhanrigh, ach a’ sileadh nan deur. Nuair a sgaoil an t-searmoin ghabh e mach. Bha triuir stàtan as a dheigh, ag eubhach ris gu ’n robh gnothuch aig an righ ris. Cha tilleadh e. Thug e ’n tigh sheinns’ an oidhche sin air. Dh’ fhan e mar a bha e gus an ath Dhomhnach. Chaidh e do ’n t-searmoin, cha ’n fhanadh e ri duine, ’s thill e do ’n tigh sheinnse. An treas Dòmhnach chaidh e do ’n eaglais. Am meadhain na searmoin thainig an righ ’s a’ bhanrigh a mach. Sheas iad aig gach taobh do ’n t-sréin. Nuair a chunnaic an righ esan a tigh’n a mach, leig e as an t-srian, thug e ada dheth gu làr, ’s rinn e modh dha. “Le ’r cead, cha ruig sibh a leas a leithid sin de mhodh a dheanamh dhomhsa, ’s ann a bu choir dhomhsa dheanamh dhuibh fhein.” “Na ’m b’e ’ur toil gun rachadh sibh leinn a ghabhail dinnear do ’n phàileas.” “Ud, ud! ’s e duine sios uaibhse rachainn-sa ’ghabhail dinnearach leis.” Rainig iad am pàileas. Chuireadh biadh an àite ’chaitheadh dhaibh, agus deoch an àite ’h-òl, ’s ceol an àit’ éisdeachd. Bha iad a’ caitheadh na cuirme’s na cuideachd le solas ’s le toil-inntinn, ri linn dùil a bhi aca gu ’m faigheadh iad naigheachd air an nighinn. “A sgiobair na luinge,” ars’ a bhanrigh, “na ceil orm dad a tha mi dol a dh’ fhoighneachd dhiot.” “Dad sam bith a th’ agams’ is urrainn mi innseadh dhuibh cha cheil mi oirbh.” “Na ceilibh orm nach lamh boirionnaich a chuir a’ chulaidh sin ma ’r driom, bhur còta, bhur briogais, ’s ’ur peitean; ’s a thug dhuibh am fàinne bha mu ’r miar, ’s an leabhar a bha ’nur laimh, ’s an fhìdeag a bha sibh a’ seinn.” “Cha cheil mi. Le laimh dheas boirionnach a shineadh a h-uile sgath dhiubh sin dhomhsa.” “’S c’àit’ an d’ fhuair thu i? ’s nighean leams’ a tha ’n sin.” “Cha ’n ’eil fios agamsa co da ’n nighean i. Fhuair mis’ i anns an Tuirc a’ dol g’a losgadh ann an craoslach mor teine.” “Am fac thu boirionnach comhla rithe?” “Cha ’n fhaca. Bha i ’n deigh a losgadh mu ’n d’ rainig mi. Cheannaich mi ise le òr ’s le airgiod, thug mi leam i, ’s tha i ann an seombar an Sasunn.” “Bha seanailear mor aig an righ,” ars’ a’ bhanrigh, “’s dé rinn e ach gaol a ghabhail oirre. Bha ’h-athair ag iarraidh oirre ’phòsadh ’s cha phosadh i e. Dh’ fhalbh i fhein ’s nighean bhrathar a h-athar le soitheach, feuch an leigeadh e air diochuimh’ i. Chaidh iad thairis do ’n Tuirc. Ghlac an Turcach iad, ’s cha robh duil againn am faicinn beò gu bràth. Ma ’s e ’ur toils’ e, ’s gu bheil sibh fhein deonach, cuiridh mise long leibh ’ga h-iarraidh; gheibh sibh i fhein a phòsadh, leith na rioghachd fhad ’s is beò an righ, ’s an rioghachd uile nuair a bhios e marbh.” “Cha ’n fhiach leam sin a dheanadh, ach cuiridh sibhse soitheach agus sgiobair air falbh, ’s bheir mise dhachaidh i, ’s ma ’s e sin a toil fhein dh’ fhaodte nach bi mise ’na aghaidh.” Chaidh soitheach a dheanadh deas. Dé rinn an seanailear ach gille phàigheadh airson a thoirt air bòrd gun fhios do ’n sgiobair. Fhuair e ’san àm e fhein fhalach ann am baraille. Sheol iad, fada goirid gun robh iad, gu ruige Sasunn. Thug iad ise air bord ’s sheol iad air an ais airson na Spàin. Am meadhain a’ chuain, latha briagh, thainig esan agus ise nios air an deck. Dé chunnaic e ach eilean an taobh thall dheth. Bha e gu math fèitheil ’san àm “’Illean,” ars’ esan, “thugaibh mis’ air an eilean treis a shealg, gus an d’ thig coslas soirbheis oirnn.” “Bheir,” ars’ iadsan. Chuir iad air tir air an eilean e. Nuair a dh’ fhàg iad air an eilean e thill am bàta. Nuair a chunnaic an seanailear gun robh e air an eilean, gheall e tuilleadh tuarasdail do ’n sgiobair agus do ’n sgioba, ’s iad fhàgail an sid, agus dh’ fhàg iad Iain air an eilean. Nuair a mhothaich ise gu ’n d’ fhàg iad air an eilean e, chaidh i air a chaothach, ’s b’ eigin a ceangal. Sheol iad do ’n Spàin. Chuir iad fios a dh’ ionnsuidh an righ gu ’n robh a nighean air fàs gòrach, a reir coslais, airson call aobhar a fir ’s a leannain. Chaidh an righ gu mulad, ’s gu leann-dubh, ’s gu bròn, ’s gu bristeadh-cridhe, chionn mar a dh’ eirich dha, ’s gun a bhi aig’ ach i do mhac na nighean. Bha Iain ’san eilean, fhionna ’s fhiasag air dol thairis air, a ghruag sios eadar a dha shlinnean, na brògan air an cnàmh, ’s gun snàthainn aodaich air nach robh air falbh na bhìdeagan, gun ghreim feol air, ach na cnàmhan a’ leantail ra cheile. Oidhche de na h-oidhchean dé chual e ach iomram bàta tigh’n thun an eilean. “A bheil thu ’n sin Iain Albannaich?” ars’ am fear a bha ’s a bhàta. Ged a bha cha do fhreagair. B’ fhearr leis bàs fhaotainn taobh cnoic na gu ’m biodh e air a [TD 114] [Vol. 10. No. 16. p. 2] mharbhadh. “Tha fhios agam gu bheil thu ’gam chluinntinn agus freagair; ’s cearta cho math dhut mise fhreagairt, ’s mi dhol suas, ’s gun toir mi nuas gun taing thu.” Dh’ fhalbh e ’s ghabh e sios. “A bheil thu deonach falbh as an eilean?” “Mata tha, ’s mi tha sin, na ’m faighinn mo thoirt as.” Dé bheireadh tu do dhuine bheireadh as a so thu?” “Bha uair ’s dh’ fhaodainn rud a thoirt do dhuine bheireadh as a so mi, ach an diugh cha ’n ’eil sgath agam.” “An d’ thoireadh tu dha leith do rioghachd?” “Cha bhi rioghachd am feasd agam, na ’m bitheadh bheireadh.” “An d’ thugadh tu ’n darna leith de d’ mhnaoi do dhuine bheireadh as a so thu?” “Cha ’n ’eil sin agam.” “Cha ’n ’eil mise ag radh ged bhitheadh gun d’ thugadh tu seachad i.” “Bheireadh.” “An d’ thugadh tu leith do chloinne do dhuine bheireadh as a so thu?” “Bheireadh.” “Nuas, suidh an deireadh a’ bhàta.” Shuidh e ’n deireadh a bhàta. “Co dhiu ’s fhearr leat dol do Shasunn na do ’n Spàin?” “Do ’n Spàin.” Dh’ fhalbh e leis, ’s mu ’n d’ thàinig an latha bha e ’san Spàin. Ghabh e suas do ’n tigh sheinnse. Dh’ aithnich bean an tigh sheinnse ’sa mhionaid e. “An e so Iain?” ars’ ise. “’S e ’n truaill de na bh’ ann deth a th’ ann,” ars’ esan. “’S bochd mar a dh’ eirich dhut,” ars’ ise. Dh’ fhalbh i ’s chuir i fios ga bùth bearradair ’s ghlanadh e, chuir i fios gu bùth tàilleir ’s fhuaradh aodach dha, chuir i fios gu bùth greusaiche ’s fhuaradh brògan dha. An la-iar-na-mhàireach, nuair a bha e air a ghlanadh ’s air a sgeadachadh gu dòigheil, chaidh e gu pàileas an righ, ’s sheinn e ’n fhìdeag. Nuair a chual nighean an righ an fhìdeag thug i leum aisde, ’s bhrist i ’n treas earrann de ’n t-sreang a bha ’ga ceangal. Dh’ iarr iad oirre fuireach socair ’s cheangail iad tuilleadh sreang oirre. An la-iar-na-mhàireach thug esan sgàl air an fhìdeig ’s bhrist i da earrann de na bh’ oirre. An treas latha, nuair a chual i ’n fhìdeag, bhrist i tri earrannan. Air a’ cheathramh latha bhrist i na bh’ orra gu léir. Dh’ eirich i ’s chaidh i mach ’na chomhdhail, ’s cha robh boirionnach riamh a bu stòldacha na i. Chuireadh brath suas gu righ na Spàin nach robh nighean riabh na bu stòldacha na bha i, ’s gun d’ thainig aobhar a fir ’sa leannain ’ga h-ionnsuidh. Chuireadh carbad a dh’ iarraidh Iain. Bha ’n righ ’s a mhòr uaislean comhla ris. Thugadh suas air bhàrr bàs e. Thogadh ceòl ’s leagadh bròn. Chuireadh biadh an àit’ a chaithidh, deoch an àit a h-òl, ’s ceòl an àit’ éisdeachd. Rinneadh banais shunndach, eibhinn, aighearach. Fhuair Iain an darna leith de ’n rioghachd. An déigh bàis an righ bha ’n rioghachd uile gu léir aige. Rugadh air an t-Seanailear, riasladh eadar eachaibh e, loisgeadh eadar theintean e, ’s ligeadh an luath leis a’ ghaoith. An dèigh bàis an righ ’s na banrigh bha Iain ’na righ air an Spàin. Rugadh triuir mac da. Oidhche bha ’n sin chual e bualadh ’san dorus. “Tha ’n t-iarrtaich air tighinn,” ars’ esan. Dé bh’ ann ach a cheart duin’ a thug as an eilean e. “A bheil thu airson do ghealladh a chumail?” ars’ am fear a thàinig. “Tha,” ars’ Iain. “Biodh do rioghachd ’s do chlann agad fhein ’s mo bheannachd-sa. A bheil cuimhn’ agad nuair a phàigh thu na h-ochd mairg airson cuirp an duin’ anns an Tuirc? B’e sin mo chorp-sa. Slàn leat. Cha ’n fhaic thu mise tuilleadh.”—Sgeulachd. “Athair,” ars Uilleam, “carson a chanas iad ‘a chainnt mhàithreil’ ris a chànain againne?” “Tha, a laochain, a chionn cho ainneamh ’sa gheibh t’ athair cothrom air facal dhith a labhairt.” Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHA ’NAN CADAL. CAIB. IV. CHUIR an righ fios air Giafar, an t-ard chomhairleach agus an uair a thainig e, thuirt e ris: “Chuir mi fios ort, a Ghiafar, a chum gu ’n innsinn dut mu ’n obair a th’ agad ri dheanamh, agus air eagal gu ’m bi ioghnadh ort am maireach an uair a thig thu ’chum na comhairle, an uair a chi thu an duine so, a tha ’na laidhe anns an leabaidh agamsa, ’na shuidhe air an righ-chathair ’nam thrusgan rioghail-sa. Cuiridh tu failte air leis a’ cheart umhlachd agus urram leis am b’ abhaist dhut a bhith ’cur failte ormsa. Dean a h-uile rud a dh’ iarras e ort a cheart cho umhail agus cho ealamh ’s ged a bhithinnsa ’g a iarraidh ort. Bidh e gle fhialaidh, agus bheir e ordugh dhutsa airgiod a thoirt seachad. Dean mar a dh’ aithneas e dhut, eadhoin ged a bhiodh e cho fialaidh ’s gu ’n tugadh e seachad a h-uile bonn a th’ agam ris an t-saoghal. Agus cuimhnich gu ’n innis thu do na cinn-fheadhna gu leir, agus do na h-oifigich a tha mu ’n cuairt na luchairt, gu ’m bheil aca ri urram a thoirt dha anns a’ chomhairle mar a bheireadh iad dhomhsa, agus gu ’m feum iad uile an dleasdanas a dheanamh cho fior mhath ’s nach cuir e uidhireachd air rud sam bith a chuireadh stad air an spors a tha toil agam fhaotainn air.” An uair a dh’ fhalbh Giafar, chaidh an righ a chadal do sheomar eile, agus thug e ordugh do Mhesrour, ceannard nan caillteanach, mu dheidhinn gach ni a bh’ aige ri dheanamh, a chum gu ’n rachadh a h-uile car air aghart mar bu mhiann leis, air chor ’s gu ’m faigheadh Abou Hasan an suidheachadh ard a bha e ’miannachadh, agus gu ’m faicteadh cia mar a ghnathaicheadh e cumhachd agus ughdarras righ fad na h-uine ghoirid a bha e ’g iarraidh a bhith ’na righ. Os cionn gach ni, dh’ iarr e air a dhusgadh mu ’n duisgeadh e Abou Hasan, o ’n a bha toil aige fhaicinn ciod an suidheachadh inntinn anns am bitheadh e an uair a dhuisgeadh e. Rinn Mesrour a h-uile dad a dh’ aithn an righ dha a dheanamh. Cho luath ’s a chaidh an righ do ’n t-seomar arms an robh Abou Hasan ’na chadal, dh’ fhalaich e e-fhein ann an closaid bhig far am faiceadh ’s an cluinneadh e a h-uile car a rachadh air aghart. Bha na h-oifigich uile agus na mnathan-uaisle, a bha ri dhol an lathair Abou Hasain anns an t-seomar-chadail aig an am. Sheas iad anns an ordugh anns am bu ghnath leotha seasamh gach madainn, bha iad uile ’nan tosd, agus deas gus an dleasdanas fa leith a dheanamh, mar gu ’m b’ e an righ fhein a bhiodh a’ dol a dh’ eirigh. Direach an uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, agus a bha ’n t-am aig’ eirigh gus a dhol gu urnuigh na maidne mu ’n eireadh a’ ghrian, chuir an t-oifigeach a b’ fhaisge do cheann na leapadh spong air a tumadh ann an fion-geur ris an t-sroin aig Abou Hasan. Anns a’ mhionaid chur e car dhe ’cheann, agus mu ’n d’ fhosgail e shuilean chuir e ’mach smugaid de reum ann am meis oir a chum fear eile dhe na h-oifigich fo ’bheul air eagal gu ’n tuiteadh i air an lar-bhrat. So mar a bha ’tachairt an comhnuidh an uair a bheireadh an righ fudar do dhuine. Bhiodh an cadal fada no goirid a reir an tomhais a bhiodh anns an fhudar. An uair a leag Abou Hasan a cheann air a’ chluasaig, dh’ fhosgail e a shuilean. Agus leis a’ bheagan soluis a bha air tighinn do ’n t-seomar, chunnaic e e-fhein ann an seomar mor, maiseach anns an robh innsreadh anabarrach briagha; agus bha mullach an t-seomair air a chomhdachadh le dathan dhe gach seorsa. Bha larbhrat anabarrach maiseach de shioda air an urlar, agus bha cuachan oir is airgid anns an t-seomar. Bha aireamh mhor de mhnathan uaisle oga, maiseach anns an t-seomar, agus bha inneal-ciuil aig cuid dhiubh. An uair a sheall e air a’ bhrat a bh’ air an leabaidh, thug e an aire gur e aodach òir a bh’ ann, agus gu ’n robh e air a dheanamh maiseach le daoimein. Agus bha cluasag ri taobh na leapadh air an robh deise coltach ri brat na leapadh, agus cionadhar (turban) a bha freagarrach do ’n righ. An uair a chunnaic Abou Hasan na nithean lainnireach so, bha e fo bhreislich agus fo ioghnadh anabarrach, agus bha duil aige gur e bruadar a bha e ’faicinn; gidheadh bha am bruadar a reir an ni a bha e ’miannachadh. Ars’ esan ris fhein: “Tha mi faicinn gu ’m bheil mi ’nam righ; ach,” ars’ esan ’s e ’dol fo ’smaointean, “cha ’n ’eil mi ach a’ bruadar a reir nam briathran a labhair mi ris an duine do ’n d’ thug mi aoidheachd an raoir.” An sin chuir e car dheth anns an leabaidh, agus dhuin e ’shuilean. Aig a’ cheart am labhair Mesrour ris le mor urram agus thuirt e, “A Cheannard nan Creidmheach, tha ’n t-am aig bhur morachd eirigh agus a dhol a dh’ urnuigh; tha ’mhadainn a’ dol seachad.” An uair a chunnaic Mesrour nach d’ thug e freagairt sam bith dha, agus nach robh e toileach eirigh, thuirt e ris a rithist: “Feumaidh bhur morachd a cheadachadh dhomh aon uair eile a radh gu ’m bheil an t-am agaibh eirigh gus a dhol gu urnuigh na maidne, mur ’eil toil agaibh an cothrom a leigeadh seachad. Tha ’ghrian direach ag eirigh, agus cha d’ rinn sibh riamh roimhe dearmad air an dleasdanas so. “Tha mi mearachdach,” ars’ Abou Hasan; “cha ’n ’eil mi ’nam chadal ach ’nam dhusgadh; oir cha chluinn an fheadhain a bhios ’nan cadal facal, agus tha mise ’cluinntinn cuideiginn a’ bruidhinn rium.” An sin dh’ fhosgail e a shuilean, agus o ’n a bha ’n latha air soilleireachadh gu math, chunnaic e gu soilleir na nithean nach robh e ’faicinn ach air eiginn roimhe sid. Dh’ eirich e ’na shuidhe, le fiamh gaire air a ghnuis, mar gu ’m biodh duine a bhiodh lan aoibhneis a chionn gu ’n deachaidh ardachadh mor a thoirt dha anns an t-saoghal. Bha ’n righ a’ gabhail beachd air gu dluth, agus thuig e gu math ciod na smaointeanan a bha ’na inntinn. ’Na dheigh sin rinn na mnathan-uaisle og’ a bh’ anns an luchairt umhlachd dha le iad-fhein a chromadh sios ’na lathair le an aghaidhean a chromadh gu lar. Agus an fheadhain aig an robh inneal-ciuil ’nan lamhan, sheinn iad failte na maidne dha le ceol binn, fuaimneach. Thug so aoibhneas anabarrach mor dha, ach cha robh fhios aige c’aite an robh e, no an robh e ’na chiall fhein; agus an uair a smaoinich e rithist beagan na b’ fhearr air cuisean cha robh fhios aige co dhiubh b’ e, no nach b’ e, bruadar a bh’ anns na bha e faicinn ’s a’ cluinntinn. Thuirt e ris fhein: “Ciod is ciall do na nithean so gu leir? C’aite am bheil mi? Agus co dha bhuineas an luchairt so? Ciod is ciall do na bheil de chaillteanaich, de dh’ oifigich dhreachar ann an eideadh riomhach, de mhnathan-uaisle maiseach, agus de luchd-ciuil anns an aite so? Cia mar nach ’eil comas agam air a dheanamh am mach co dhiubh a tha mi ’nam chiall fhin, no tha mi ’faicinn bruadair?” [TD 115] [Vol. 10. No. 16. p. 3] An uair a thug e a lamhan o ’shuilean, dh’ fhosgail e iad, agus thog e a cheann. Bha ’ghrian aig an am a’ dearrsadh a steach troimh uinneag an t-seomair. Aig a’ cheart am thainig Mesrour a steach, agus an uair a leig e e-fhein ’na shineadh air beulaobh Abou Hasain, thuirt e: “A Cheannaird nan Creidmheach, gabhaidh bhur morachd mo leithsgeul air son innseadh dhuibh nach b’ abhaist dhuibh a bhith cho fada so gun eirigh, agus gu ’m bheil uair na h-urnuigh air a dhol seachad. Mur robh bhur morachd tinn re na h-oidhche, tha ’n t-am agaibh eirigh, agus suidhe air cheann na comhairle mar bu ghnath leibh. Tha na seanalairean, na fir-riaghlaidh, agus ard-oifigich eile na rioghachd ’g ’ur feitheamh ann an talla na comhairle.” An uair a chuala Abou Hasan na briathran a labhair Mesrour ris, thuig e gu math nach robh e aon chuid ’na chadal, no a’ brurdar. Ach aig a’ cheart am bha e gu mor ’na bhreislich o nach robh fhios aige ciod bu choir dha ’dheanamh. Mu dheireadh dh’ amhairc e gu geur air Mesrour, agus thuirt e ris ann am briathran durachdach; “Co ris a tha thu ’bruidhinn, agus co dheth a tha thu ’gairm Ceannard nan Creidmheach? Cha ’n ’eil mise ’g ad aithneachadh, agus feumaidh gu ’m bheil thu ’g am ghabhail ann an riochd cuideiginn eile.” Bheireadh na briathran so gaire air duine sam bith ach air Mesrour: agus o ’n a bha e air a theagasg anns a’ chuis cho math roimhe sid leis an righ, rinn e mar a theagaisgeadh dha cho math ’s a ghabhadh deanamh. Mo thighearna agus mo mhaighstir urramach,” ars’ esan, “is ann gu deuchainn a chur orm a tha bhur morachd a’ labhairt rium air an doigh sin. Nach e bhur morachd Ceannard nan Creidmheach, righ an t-saoghail o’n Aird an ear gus an Aird an iar, fear-ionaid an fhaidh a thug Dia dhuinn? Cha ’n ’eil Mesrour, bhur seirbhiseach bochd, ’g ’ur leigeadh air dichuimhn idir, an deigh na h-urram agus an t-sonais a bh’ aige o chionn iomadh bliadhna ann a bhith ’frithealadh agus a’ toirt urram dhuibh. Bhiodh e ’g a mheas fhein dhuine cho neo shona ’s a th’ air an t-saoghal nan saoileadh e gu ’n d’ thug o mithoileachadh sam bith dhuibh, agus tha e gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu ’n toir sibh mathanas dha ma chaidh e as an rathad. Ach tha e ’smaointean gu ’m faca sibh bruadar an raoir a chuir dragh air an inntinn agaibh.” Rinn Abou Hasan glag mor gaire an uair a chual’ e na briathran so a labhair Mesrour ris, agus leag e a cheann air a’ chluasaig. Chord an gnothach cho math ris an righ ’s gu ’n do theab a ghaire bristeadh air. Bha e air glag gaire a dheanamh mur b’e gu ’n robh eagal air gu ’n cuireadh e stad air a’ chulaidh-abhacais a bh’ aige. An uair a bha Abou Hasan sgith gaireachdaich, dh’ eirich e ’na shuidhe, agus thuirt e ri seirbhiseach beag dubh a bha ’na sheasamh dluth dha “Innis dhomh co mi.” “Mo thighearna,” fhreagair an seirbhiseach, “is e bhur morachd Ceannard nan Creidmheach, fear-ionaid Dhe air an talamh.” “Cha ’n eil annad ach am breugaire beag, dubh,” ars’ Abou Hasan. An sin ghairm e air mnaoi-uasail a bha dluth dha: “Trobhad an so, a bhean mhaiseach,” ars’ esan, agus e ’sineadh am mach a laimhe, “thoir greim as mo mheoir feuch an aithnich mi co dhiubh tha mi ’nam chadal no ’nam dhusgadh.” Bha fhios aig a’ mhnaoi-uasail gu ’n robh an righ a’ faicinn a h-uile car a bha ’dol air aghart, agus bha aoibhneas oirre a chionn gu ’n d’ fhuair i cothrom air cuideachadh a dheanamh leis a’ chulaidh-abhacais a bh’ aige. Chaidh i dluth do Abou Hasan, agus an uair a chuir i a mheoir eadar a fiaclan, thug i fasgadh cho teann oirre ’s gu ’n do ghortaich i gu mor e. Tharruinn e a lamh air ais cho ealamh ’s a b’ urrainn e, agus thuirt e, “Tha mi ’nam dhusgadh gun teagamh sam bith. Ach ciod a’ mhiorbhuil leis an d’ thainig mi, ann an aon oidhche, gu bhith ’nam righ? Is e so rud cho iongantach ’s a thachair riamh air an t-saoghal!” An sin labhair e ris a’ mhnaoi-uasail, agus thuirt e: “Tha mi ’guidhe ort ann an ainm Dhe, anns am bheil thu ’g earbsa cho math rium fhin, nach ceil thu an fhirinn orm. Am mi da rireadh Ceannard nan Creidmheach?” “Tha e cho fior,” fhreagair a’ bhean-uasal, “’s gu ’m bheil sinne, agus sinn cho fada ’n ’ur seirbhis, fo ioghnadh mor nach ’eil sibh-a’creidsinn gur sibh Ceannard nan Creidmheach.” Cha ’n ’eil annad ach a’ bhana-mhealltair,” fhreagair Abou Hasan; “tha fhios agamsa gle mhath co mi fhin.” An uair a chunnaic Mesrour gu ’n robh toil aig Abou Hasan eirigh, rug e air a laimh, agus chuidich e e gu tighinn am mach as an leabaidh. Cha bu luaithe ’chuir e a chasan air an urlar na ghlaodh na h-oifigich agus na mnathan-uaisle comhladh, ag radh, “A Cheannaird nan Creidmheach, gu ’n deonaicheadh Dia latha math a thoirt do bhur morachd. “O chruitheachd!” ghlaodh Abou Hasan; “nach iongantach an ni so! An raoir bu mhi Abou Hasan, agus anns a’ mhadainn so is mi Ceannard nan Creidmheach! Cha ’n urrainn mi idir a thuigsinn cia mar a thainig an t-atharrachadh iongantach so orm cho aithghearr.” Gun dail sam bith thoisich cuid dhe na h-oifigich ri cur uime. An uair a bha iad deiseil, threoraich Mesrour e do sheomar na comhairle. Choisich Mesrour roimhe gus an d’ rainig e bonn na righ-chathrach, far an do stad e. An sin chuir e fhein agus oifigeach eile lamh fo gach achlais aige, agus chuidich iad e gu direadh thun na cathrach. An uair a shuidh e air a’ chathair, rinn na h-uile a bh’ anns a’ chomhairle iolach ard, agus ghuidh iad sonas agus soirbheachadh dha. (Ri leantuinn). Aisling Fhirinneach agus Eagalach. FAODAR làn earbsa ’chàramh ’san aisling a leanas. Thachair i ann an teaghlach measail. Cha’n ’eil focal air a chur rithe, no air a chumail air ais, ach air a h-innseadh direach mar a thachair i; agus ged nach eil sinn air àm sam bith a’ cuir earbs’ ann am bruadar, gidheadh faodar feum math a dheanamh de chuid diubh. Bha triùir pheathraichean òga—mnathan uasal, eireachdail, measail—a’ còmhnuidh maille ri chéile ann am baile-mòr Lunnuinn. Bha dithis dhiubh anbharrach diadhaidh, stòlda, suidhichte agus socrach, nan inntinnibh, ach an treas té, bha i cuideil, eutrom, agus ann an tomhas àraid diorasach, agus duilich a comhairleachadh. Bha i suarach mu ’peathraichean—bha iad tuille ’s diadhaidh, cràbhach, ’na barail-sa; ach rinn iadsan an dìchioll a chum ise ’thoileachadh, agus a gràdh a chosnadh. Air oidhch’ àraidh sa’ bliadhna 1814, bha ise ’mach aig dannsa mòr a bha sa’ bhaile, agus air an latha-màireach, mhothuich a peathraichean gu’n robh i stolda, stéidheil, ciallach, trom-inntinneach, ann an tomhas os-cionn na b’ àbhaist dh’i. Smuainich iad gu ’n robh ni-eigin a’ cur oirre—nach robh i ’na slàinte—gu’n do thachair ni-eigin oirre a dhuisg imcheist agus cùram innte. Bha i tosdach, trom-inntinneach, gun fhocal as a ceann. Bha i muladach. Chluinnt’ a h-osnadh throm, thùirseach; ach cha do labhair i diog: agus gu tric bha ’n t-sùil làn, ’s an deur a’ ruith gu frasach a sìos air a gruaidhibh. Dh’ fheoraich a peathraichean d’i, le bàigh agus le anabarr caoimhneis, ciod a bha ’cuir oirre; ach cha ’n aidicheadh i gu’n robh a’ bheag. Chuir i seachad a’ chuid bu mhò de’n latha ’na seòmar fein. Cha d’ith ’s cha d’ol i a’ bheag no ’mhòr; agus, air coinneachadh ’san anmoch, bha i cho trom, tùirseach, ’s a bha i sa’ mhaduinn. Dhealaich i riu an àm gabhail gu tàmh; agus anns a’ mhaduinn bha a sùilean air at, mar nach biodh i air lochd cadail fhaotuinn. Dh’ fheoraich a peathraichean a ris dh’i ciod a bha ’cuir oirre, ach cha’n aidicheadh i a’ bheag no ’mhòr. “Coma leibh,” ars’ise, “ciod a tha cuir ormsa; sin ni nach cluinn sibhse no neach eile. Tha e taisgte ’nam uchd féin, agus cha chluinn neach eil’ e.” Chaidh latha agus latha seachad, agus bha ise ’fas na bu bhrònaiche ’s na bu mhuladaiche; agus bha anabarr iomagain air a peathraichean mu ’déidhinn. Mu dheireadh labhair aon d’a peathraichean rithe, “Nach innis thu dhomh ciod so ’tha ’cuir ort?” “Cha’n innis,” ars’ ise; “dheanadh tu fochaid orm. Cha robh ann ach aisling—bruadar faoin; ach cha ’n urrainn dhomh a thilgeadh as m’ inntinn. Ach coma cò dhiùbh; feuchaidh mi a dhi-chuimhneachadh. Cha’n ’eil thusa no mo phiuthar eile ’creidsinn ann am bruadaraibh.” “Cha ’n ’eil,” ars’ a piuthar; “ach cha’n fhaodar àicheadh nach do thoilich Dia labhairt ri cuid ann am bruadaraibh. Cha chòir tàir a dheanamh air bruadar, no air an dòigh a tha Dia a’ gabhail a chum inntinn an duine ’tharruinn a dh’ ionnsuidh an ni a tha ceart. Cha’n fhaodar àicheadh nach do dheònaich Dia labhairt ri daoine ann ann aisling na h-oidhche, ’nuair a thuit trom shuain orra. So ni a rinn e aon uair: có ’dh’ fhaodas a ràdh nach faod e ’dheanamh a rìs? Innis thusa dhuinne ’m bruadar a bh’ agad. Ma’s ann o neamh a thainig e, cha chòir a dhì-chuimhneachadh, no tàir a dheanamh air.” Mu dheireadh dh’ innis i dhoibh e. “Ciod am math,” ars’ ise, “ ’bhi ’ga chleith; ach guidheam oirbh, na deanaibh fochaid orm. Cha b’ aisling chumant’ a bh’ ann. Cha ’n fhaca mise riamh a leithid. Cha ’n ’eil comas agam a h-innseadh ann am briathraibh freagarrach. Cha ’n fhaca sibhs’ a leithid, agus cha tuig sibh i; ach feuchaidh mi a h-innseadh mar is féarr is urrainn dhomh. “Ar leam,” ars’ ise, “gu’n robh mi ag imeachd ann am meadhoin baile-mhòir anns an robh dòmhladas sluaigh. Bha moran a bharrachd ormsa ag imeachd ’s a’ gluasad air feadh nan sràidean; ach cha robh iad cosmhuil ri aon sluagh a chunnaic mise riamh. Bha iad tosdach, stòlda, suidhichte, ciallach; ach ’san àm cheudna bha iad aighearach, sunndach, ait—’se sin, bha iad do reir coltais làn riaraichte, làn thoilichte, làn sith; agus ar leam nach do shochdraich mo shùil riamh air feadhainn a bha uile gu leir, a reir coltais, cho diadhaidh, cràbhach, spioradail, air an togail cho mòr os-cionn an t-saoghail so. Bha solus a’ bhaile-mhòir uile gu leir eu-coltach ri aon solus a chunnaic mi riamh. Cha bu ghrian a bh’ann—cha b’ann de ’n t-seorsa sin idir an solus glòrmhor, àigh; agus idir cha b’e solus fann na gealaich a bh’ ann—bha e cho dealrach, soilleir, glan. Bu sholus a bh’ ann uile—solus àghmhor, àilidh gun atharrachadh, gun laigse. Mar a bheachdaich mi air na tighean, bha iad uile mar phaluinnean rioghail, ach eu-coltach ri pàluinnean rioghail an t-saoghail so. Bha’n cabhsair air an do choisich mi, agus na tighean air an do bheachdaich mi, mar an t-òr—dealrach, soilleir, glan, mar ghloinne. Bha na h-uinneagan a’ dealradh mar bhogha braoin nan spéur, an solus a’ falbh ’s a’ tighinn mar ghathaibh; agus ’se ’n (Air a leantuinn air taobh 118). [TD 116] [Vol. 10. No. 16. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OCTOBER 18, 1901. Cogadh nam Boereach. Cluinnear o àm gu àm sgeul a bheir oirnn a chreidsinn gu bheil an cogadh so a dlùthachadh ris a chrìch—gu bheil na Breatunnaich a buadhachadh ’s na Boerich a call, air dhòigh ’s nach urrainn iad seasamh a mach moran na ’s fhaide. Ach an uair a bhios sgeul dhe’n t-seòrsa sin air dòchas dhaoine thogail air dhòigh ’s gu’m bi iad ag amharc air son sgeul striochdaidh nam Boereach, ’s am a thig sgeul eile bhios fada ’n aghaidh sin, agus a leagas dochas dhaoine gu làr. ’S i ’n fhirinn gu bheil na Breatunnaich a’ buadhachadh, agus na Boerich a’ call, ach gu bheil a bhuaidh air an darna taobh ’s an call air an taobh eile a riuth an cùrsa gle mhall. Cha ’n eil teagamh sam bith nach eil a bhuaidh gu bhi le Breatunn, ach cha ’n eil cinnt sam bith gu bheil na Boerich a’ dol a gheilleadh an ùine ghearr. Tha buidhnean mora dhiubh a mach fhathast, agus o’n tha an cuid mhnathan us chloinne gu socair, seasgair, ann an campaichean a tha air an ullachadh air an son leis na Breatunnaich, cha ’n eil uallach no cùram sam bith orra, ach an cogadh a chumail air adhart fhad ’s a dh’ fhaodas iad. Cha ’n eil baile no daighneachd aca ri dhion; cha ’n eil aca ach bristeadh a stigh air na Breatunnaich far am bi iad lag, agus an seachnadh far am bi iad làidir. Bidh iad an so an diugh, agus an sid am màireach. Tha air an laimh eile moran àiteachan aig na Breatunnaich ri dhion, tha an t-arm trom, moran innsridh aca ri ghiulan leotha nuair a ni iad gluasad, agus mar sin tha e doirbh dhaibh a bhi suas ri naimhdean nach eil ach gle ainneamh ri ’m faotainn an diugh far am facas an dé iad. Agus nuair a chuimhnichear gu bheil an dùthaich farsuinn, garbh, monadail, ’s gu bheil na Boerich cho eòlach innte ’sa tha na Breatunnaich aineolach, faodar a thuigsinn nach e ’m furasd an cogadh a thoirt gu crìch. Feumar foighidin a chleachdadh, oir ’s ann le foighidin ’s le diorras a chleachdadh a gheibhear buaidh. Chaidh na Breatunnaich do ’n chogadh gun fhios aca co ris a bha ’n gnothuch; tha iad a nis ann an tomhas ga ’n tuigsinn, agus cha ’n eil neach a tha fior eòlach air suidheachadh na dùthcha ’s air tréine nam Boereach a creidsinn gu ’m bi crioch air an ar-a-mach gu ceann àireamh mhiosan. Mar is Abhaist. Tha sgriobhaiche àiridh ann am Boston a cur an ceill a bharail nach robh aobhar sam bith aig an t-Shamrock air an reis mu dheireadh a chuir i a chall; gu’n d’rinn iadsan a bha ga ’seòladh mearachd nan cùrsa, agus mur biodh iad air sin a dheanamh gu robh i air an reis a chosnadh. Bha làn dhùil againn ri leithid so. Cha ’n eil ach seachdain no dha o’n sguireadh a dh’ innse dhuinn an dòigh air an faodadh na lighichean a bha frithealadh do ’n Riaghlair Mac-Fhionnlaidh an duine còir sin a chumail beò; tha daoine geur-fhiosrach gu blàth seasgair, nan taighean fein ann an Lunnuinn, a’ toirt sheòlaidhean do Mhorair Roberts ’s do Chitchener mu chogadh nan Boereac; agus bhiodh e iongantach da-rireadh mur faighte cuid-eiginn a dh’ innseadh do Shir Tomas Lipton mar a dh’ fhaodadh a bhirlinn aige an reis a chosnadh. Tha an sean-fhacal ag radh gu ’n “saoil esan a bhios na thamh gur e fein as fhear lamh air an stiuir;” agus tha e cho fior an diugh ’sa bha e latha riamh. Thachair ni anns an Tuirc o chionn ghoirid a tha bagradh aimhreit aobharachadh eadar an dùthaich sin agus na Staidean. Bha Miss Stone, ban-soisgeulaiche a mhuinntir nan Staidean a bha saoithreachadh anns an Tuirc, air a glacadh ’s air a thoirt air falbh do gharbh-chriochan na dùthcha le spùineadairean a tha nise ’g iarraidh coig fichead mile dolair air son a toirt suas. Chaidh an t-suim sin a chur cruinn, ach cha d’ thainig iad g’a iarraidh do’n àite gheall iad, agus tha eagal mor air càirdean Miss Stone gu’m bi i air a cur gu bàs. Tha moran dhe’n bharail gu bheil làmh aig an t-Sultan anns a ghnothuch, agus tha na Staidean a bagradh dioghaltas a dheanamh air ma dhearbhar gu bheil. A reir sgeoil eile tha na spùineadairean ag obair fo ùghdarras riaghladh Bhulgaria. Ge b’e co aig am bheil lamh ann, cha chòir an leigeil seachad gun trom dhioghaltas, oir ma shoirbhicheas leotha anns an oidhirp so, cha ’n eil fhios co aige stadas iad. AM PRIONNSA ANN A HALIFACS—Ruigidh a’ chàraid rioghail, Diuc agus Ban-Diuc Chornwall, Halifacs ’sa mhaduinn am màireach. Bidh àireamh mhor sluaigh ga ’m feitheamh a chur fàilte orra, agus bidh mu dheich mile saighdear a’ dol troimh chleasan airm a mhor chuid de ’n latha. Gabhaidh iad an cead de ’n bhaile sin toiseach na seachdain. Taghlaidh iad ann an Newfoundland air an turus dhachaidh. Bha an cuairt ann an Canada na thoileachadh mor dhaibh féin, agus na fhior thoil-inntinn do shluagh na ’dùthcha. Cha robh àite ’s an do stad iad nach robh iad air am fàilteachadh gu càirdeil, mar bu chòir a dheanamh riuthasan a tha gu bhi aon latha a riaghladh mar righ us banrigh thairis air an Impireachd Bhreatunnaich. Gu ma slàn, fallain a ruigeas iad an dachaidh! Chaidh deich duine fichead a bha ’g obair timchioll cala ùr an rathaid-iaruinn a mach air strike maduinn Diordaoin. Tha iad a faotainn $1.25 ’san latha, ’s tha iad ag iarraidh $1.50. Thainig fios a Moncton gun na bha iad ag iarraidh a thoirt dhaibh, ach gach duine dhiubh a chur bhar na h-obrach. Tha na h-Eadailtich a tha ’g obair anns a bhaile a faotainn $1.50 ’san latha. Ma tha thu ’g iarraidh Deagh Bhrogan Obrach a sheasas ri ’n cosg gu cruaidh ri side bhog, theid againn air an toirt dhut. ’S ann againn a gheibhear BROGAN AMHERST an seorsa ’s fhearr a thatar a deanamh. A. W. Redden & Co. ROSS BLOCK. SIDNI. $10,000.00 Feumaidh an t-suim so a bhi againn MU ’N RUITH TRI FICHEAD LATHA —AGUS— So an doigh air am bheil Sinn a’ dol ’ga fhaotainn. Cha ’n ann le bargain a thairgse dhut ann an aon no da sheorsa bathair, ach leis gach ni a tha ’sa bhuth againn a thairgse air prisean a riaraicheas duine reusonta sam bith. Deagh chothrom air Caiseart agus Aodach Math fhaotainn saor do chloinn a tha ’dol dh’ an sgoil. Thig latha no oidhche sam bith gus am bi an Reic Shaor seachad. Ma bhios tu ceannach fiach $4.00 no barrachd de bhathar, agus nach tachair dhut a bhi comasach a phaigheadh aig an am, faodaidh tu pairt dhe a phaigheadh, agus cumair an ni tha thu ceannach fad seachdain dhut. Mills, MacKenzie & Ross. Caradh Uaireadairean, Chlocaichean agus Sheudan ....ANN AN STOR.... K. BEZANSON. Theid iad an urras air gach obair a ni iad....... An Togalach Hanington. SIDNI. [TD 117] [Vol. 10. No. 16. p. 5] Naigheachdan. A’ CHUIRT MHOR—Tha a’ chuirt mhor ’na suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so. Tha àireamh mhor de chàsan ri bhi air am feuchainn, còrr us leth-cheud uile gu leir. Cha’n eil e ro-choltach gu ’m bi iad uile air am feuchainn aig an t-suidhe so. LATHA BRETH AN RIGH—Thatar ag aithris gu bheil an naodhamh latha de Nobhember, latha breth an righ, ri bhi air a chumail saor ann an Canada, gu bheil lagh na duthcha ’ga òrduchadh. Ma’s math ar cuimhne, bhatar ag innse toiseach an t-samhraidh gu’n do roghnaich an righ féin co-ainm latha bhreth a bhi air a chumail air a cheathramh latha fichead dhe’n Mhàigh latha-breth a mhàthar, Banrigh Victoria. Ma bha sin fior, feumaidh gu’n do dh’ atharraich e inntinn. TIM-CHLAR A GHEAMHRAIDH—Tòisichidh an carbad-iaruinn ri ruith air tim-chlar a’ gheamhraidh air an t-seachdain s’a tighinn. Bha dùil an t-atharrachadh a dheanamh toiseach na seachdain so, ach chunnacas iomchuidh a chur seachad gus an deigh do’n chàraid rioghail falbh dhachaidh. Tha an trein acasan a bhi tighinn an ear a cur nan treineachan eile air aimhreit. Tha air innse dhuinn nach bi ach beagan mùthaidh air a dheanamh an àm falbh us tighinn nan treineachan—gu’m bi iad a ruith car mar a bha iad fad an t-samhradh. MAOIR SHIDNI TUATH—Di-luain s’a chaidh, leig maoir Shidni Tuath dreuchdan dhiubh. ’Se b’ aobhar dha sin gu’n robh iad air an casaideachadh air son a bhi tuilleadh us dana anns na taighean-òil. Rachadh fear dhiubh a stigh do thaigh anns am biodhte creic stuth làidir, ghabhadh e de’n deoch na thigeadh ris gun phàigheadh air a son, agus cha leigeadh an t-eagal le fear an taighe gearan sam bith a dheanamh. Nuair a rinneadh casaid nan aghaidh air son na h-obrach sin, leig iad dhiubh a bhi nam maoir, agus chaidh daoin’ eile chur ’nan àite. BAS LE SGIORRADH—Chaidh Luther Watson, aois cheithir bliadhn’ deug, a mharbhadh faisg air Truro Di-luain s’a chaidh ’se a sealg chearca-tomain. Cha robh eòlas sam bith aig air gunna, agus chaidh e mach leis féin. Nuair nach do thill e romh bheul na h-oidhche, chaidh buidheann dhaoine g’a iarraidh. Fhuaireadh e marbh anns a choille, agus taobh a chinn air a thilgeadh dheth. Bha an gunna air an làr faisg air, agus bha e soilleir gu ’m b’ ann le tuiteamas a dh’ fhalbh an urchair as. Tha moran sgiorraidhean dhe ’n t-seòrsa so a’ tachairt o’n thàinig àm seilg, ged nach eil iad uile, gu fortanach, ag aobharachadh bàis. BAILE HALIFACS ’S AN T-ARM—Tha còmhstri o chionn iomadh bliadhna eadar baile Halifacs agus ceannardan an airm a thaobh raointean air cùl a bhaile air am bheil iad le cheile ’g agairt còir. Ach thàinig a chùis gu ceann an la roimhe, agus fhuair am baile chuid a b’ fhearr dheth. O’n thòisicheadh air ullachadh a dheanamh air son fàilte chur air Diuc agus Ban-Diuc York, bha an t-arm a gabhail gach ni os laimh, agus cha robh air a chur mu choinneamh a bhaile dheanamh ach a chosguis a phàigheadh. Thug Coirneal Biscoe, ceannard an airm, cead do dhithis dhaoine bha air son airgead a dheanamh togalach a chur suas air an raon mu ’m bheil a chòmhstri, air son daoine bhi gabhail seallaidh dheth an latha thig a chàraid rioghail. Bha luchd-riaghlaidh a’ bhaile dhe ’n bharail gu ’m b’ ann dhaibhsan a bhuineadh an cead sin a thoirt seachad, agus dh’ òrduich iad do ’n luchd=obrach stad. Mhaoidh an còirneal an sin gun deanadh e an t-arm a ghairm a mach nan cuirteadh dragh sam bith air an luchd-obrach. Ach an deigh sin ghabh e ’n t-aithreachas, ’s dh’ iarr e mathanas; dh’ fhag e an raon an lamhan luchd-riaghlaidh a bhaile, agus tha muinntir a bhaile a’ meas gu ’n do choisinn iad buaidh mhor. MORT ANN AN YARMOUTH—Bha Iudhach d’ am b’ ainm Nathan Kaplan air a mharbhadh ’na bhùth fhein aig Clarke’s Harbor, an siorrachd Yarmouth, Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Tha Iudhach eile d’ an ainm Iulius Rill, air a chur an greim air amharus gu ’m b’e thainig ri bheatha. Bha an dithis a deanamh gnothuich cuideachd gu beagan lathaichean roimhe sin, nuair a mhi-chòrd ’s a dhealaich iad. Tha cùisean ag amharc gle làidir an aghaidh Rill. Cha ’n eil e, a reir a sgeòil fhéin, ach sia bliadhn’ deug a dh’ aois. A BHREAC ANN AN SIDNI—Fhuaireadh duine tinn leis a bhric anns a bhaile toiseach na seachdain so. Chaidh a thoirt do’n taigh-eiridinn aig Point Edward, agus tha muinntir an taighe anns an robh e ’fuireach air an cumail a stigh, a chum ’s ma tha a bhreac aca nach sgaoil i am measg dhaoin’ eile. Cha’n eilear a meas gu bheil cunnart mor sam bith gu’n sgaoil i, ach thatar a gabhail gach cùraim a ghabhas deanamh. Tha uiread sluaigh a falbh ’s a tighinn á Sidni ’s gu bheil e iongantach nach dainig an euslaint so roimhe, oir tha i gle phailt ann an cearnan de dh’ Ontario ’s de Chuebec. ’S Frangach d’ an ainm Lapierre an duine tha tinn leatha ann an Sidni. MORTAIR MHIC-FHIONNLAIDH—Tha moran seanachais a dol anns na paipearan naigheachd mu ’n duine thruagh so. Ann an cuid dhiubh tha barrachd air a ràdh mu chadal ’s mu dhùsgadh ’s mu dhòighean uile, na tha air a radh mu nithean cudthromach agus feumail. A reir barail cuid, cha bhiodh dòigh a b’ fhearr air stad a chur air ais-innleachdan na feadhnach d’ am buin e, na gu ’m biodh ainm ’sa shloinneadh, a bheatha ’sa bhàs, air an cumail cho mor an cleith ’sa ghabhadh deanamh. Mar a tha, tha ’ainm air a dhol do gach iomall dhe ’n t-saoghal; leugh na milleinean sluaigh mu ’n ghniomh a rinn e, agus leughaidh a cheart uiread mu bhàs. Bidh sin na bhuaireadh mor do dhaoin’ eile dhe sheòrsa, leis an ionmhuinn fàs ainmeil, agus a dh’ fheuchas ris anns an doigh cheudna. RABHADH DO LUCHD-GABHAIL—O’n thainig am foghar, chaidh cùnntas a chur dh’ ionnsuidh luchd-gabhail MHIC-TALLA a tha air deireadh ’sa phàigheadh. Tha dòchas againn cluinntinn uapa uile an ùine ghoirid, oir tha sinn feumach air an airgead. Tha cosguis mhor ann a bhi cur a mach paipeir, cosguis nach gabh coinneachadh mur dean iadsan a tha g’a ghabhail an dleasdanas. Tha iadsan nach eil a’ pàigheadh nan uallach trom oirnn, agus iadsan nach pàigh eadar so us Bliadhn’ Ur, feumar an ainmean a thoirt bhar an leabhair. Tha sinn a creidsinn nach bi an àireamh a dh’ fheumar a pheanaisteachadh mar sin mor, oir tha fhios againn nach biodh Gàidheal ceart sam bith an dùrachd a chuid féin a chumail o MHAC-TALLA. Ach tha dearmad gu tric a cheart cho cronail ri droch rùn. Stor Ur! - Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn. Thig sinn suas ris an fheadhainn a’s fhearr ann an deanamh Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa Bathair-Each. ’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut. [TD 118] [Vol. 10. No. 16. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 115.) solus a bh’ann solus an aoibhneis. B’ àit’ e gu dearbh a bha na àite fìor fhreagarrach do ghràdh agus do naomhachd neo-thruaillidh. Bha uamhas naomha air lìonadh m’ anama. Cha b’ urrainn domh gun ghlaodhach a mach, “Cha’n fhaod e ’bhith nach e so àite-còmhnuidh fìr-innteachd agus naomhachd.” Cha robh ann gu léir ach àilleachd—soilleir, àillidh, fìor-ghlan. Cha’n ’eil fios agam ciod a thachair dhomh. Thuig mi cia glòrmhor an t-àite bh’ ann; ach bha seòrsa de sgàth, de dh’ fhiamh, air m’ anam—bha uamhas orm. “Cha’n ’eil mise,” ars’ mi fhéin, “deas airson an àit àird so.” Bha a h-uile h-aon càirdeil, caomh, caoimhneil; ach bha ni-eigin a dhì air mo thaobhsa—cha robh mise mar a bha iadsan. Bha iad uile sona, ach cha robh mise sona—bha sachd trom air m’ inntinn nach b’ urrainn domh a thilgeadh dhiom. Bha iadsan sona, subhach, ait, bha mise trom, muladach, brònach, ’s gun fhios c’arson. Thug mi fainear gu’n robh iad uile ’gluasad an t-aon rathad. Lean mi iad, gun fhios agam ciod a bha na m’ bheachd. Ach mu dheireadh chunnaic mi iad a’ gabhail a dh’ ionnsuidh aitribh mhoir àillidh, na bu dreachmhoire ’s na b’ eireachdala na aon àit’ eile ’bha ri ’fhaicinn. Chunnaic mi iad a’ dìreadh a suas staidhreach mhòir eireachdail, agus a’ gabhail a stigh air dorus an aitribh. Cha robh déidh air bith orm a dhol maille riu, ach lean mi iad gu bonn na staidhreach. Chaill mi an sin sealladh orra, mar a chaidh iad a stigh do’n aitribh àrd. Chunnaic mi feadhainn eile ’gabhail a stigh air an robh éideadh gach rìoghachd agus gach dùthcha. Cha bu mharmor, cha b’ òr, cha b’ airgiod, ’s cha bu chlachan prìseil, dhe’n robh an t-aitribh air a dheanamh; ach solus—solus glan, mar gum biodh e comasach a laimhseachadh. B’e solus na gealaich a bh’ ann, gun ’fhuairead; b’e solus na gréine bh’ann, gun a dhealrachd. B’ ann de’n t-solus bu ghlòrmhoire an staidhir; agus bheachdaich mi air ceumanaibh eutrom ait na feadhnach a bha ’ga dìreadh, le’n trusgain ghlana gheala. O! bu ghreadhnach, glòrmhor an sealladh; ach chriothnaich mi le eagal, gun fhios c’arson. Thug mi fainear aon neach aig bun na staidhreach, ag amharc orm le mòr bhàigh agus le mòr chaoimhneas. Cha’n fhaca mi uiread chàirdeis riamh ann an gnùis. Cha bu ghràdh saoghalta ’bh’ann. Dh’fheoraich e dhiom, le guth co millis ri fuaim nan teud grinne, “C’arson nach ’eil thu a’ gabhail a stigh maille ri càch? C’arson a tha thu ’tionndadh air falbh? B’àill leat sìth fhaotuinn: c’àit’ am bheil sìth ri ’faotuinn? Am bheil sòlas ri fhaotuinn ann an aitribh an uilc, no ann an slighibh an dorchadais?” Cha robh focal agam ri ràdh; bha mi a’m’ thosd; cha do labhair mi focal. Dh’ fhalbh esan, ach thainig neach eile ’na àite; cosmhuil ris air gach dòigh—an t-aon chàirdeas àrd ’na ghnùis, an t-aon ghràdh, an t-aon bhàigh. Bu mhiann leam a sheachnadh, ach cha robh so ’na m’ chomas. Dhlùth-bheachdaich e orm, agus mar so labhair e rium:—“An d’ thainig thu,” ars’ esan, “am fad so, agus am pill thu ’nis? An e nach téid thu air t’aghart? An caill thu do shaothair gu buileach? Nach dealaich thu ri d’ éideadh féin, ri d’ thrusgan féin, ’s nach gabh thu an nasgaidh agus gu saor an trusgan a tha uidheamaichte, agus air a thairgse dhuit?” Dh’ fheuch e m’ éigneachadh gu dol a stigh; labhair e rium gu dùrachdadh, gràdhach. Mu dheireadh bha corruich orm agus labhair mi ris gu cas, frionasach. “Cha téid mi na ’s faide,” arsa mise; “cha’n ’eil feum dhuit labhairt. Cha ’n ’eil tlachd sam bith agam na d’ chuideachd, no ann an suaicheantas na muinnt’reach a tha ’dol a stigh.—tha’n àilleachd dhealrach a’ cur uamhais orm.” Tharruing e osann throm, agus dh’fhag e mi. Chaidh buidheann ’us buidheann seachad orm—cuideachd an deigh cuideachd; agus bha gach aon diubh a’ guidhe orm an leantuinn, le bàigh mhòir. Thairg iad cuideachadh leam dol a stigh. Thairg iad mo ghlacadh air làimh, ach dhùlt mi iad. Mu dheireadh thainig aon teachdaire òg àillidh, agus labhair e rium le cainnt nèamhaidh. “Thig,” ars’ esan; “na diùlt mise. Na fàg sinn, na pill, na tionndaidh air falbh, na fàg sinn; na dean maille, na dean dàil na’s faide. C’arson a tha thu ann an iomchomhairle? Nach faic thu gur e beatha gach aoin? Am faic thu neach sam bith air a dhiùltadh, no air a bhacail, no air a chumail air ais i? Nach faic thu mar a tha iad uile air an ionnlaid a’s air an nighe, air an éideadh a’s air an sgeudachadh, agus air an lìonadh le sòlas? Toir dhomh do làmh,” ars’ esan. Rinn mi so, agus lean mi e. Air ball bha mi air m’ ionnlaid. Chuireadh orm trusgan geal, agus dhìrich mi an staidhir àillidh le ceum eutrom, maille ri m’ chompanach. O! b’e sin an sealladh glòrmhor a dheàrs air m’ anam ’nuair a ràinig mi shuas; ach cha tugadh briathran-beòil do dhuin’ a rugadh le mnaoi riamh an sealladh so a chuir an céill. Cha’n ’eil ’san t saoghal so uile ni ris am faodar an àilleachd so ’choimeas. Thuit mi air an làr; cha robh e ’m chomas an sealladh so ’sheasamh. Thainig crith uamhais orm. Thuit mi gu taobh, agus dh’ fheuch mi mi féin a chleith o shùil, a’s o bheachd gach aoin a bha ’làthair; oir thuig mi nach robh mi comasach no uidheamaichte gu companachd a bhi agam ri bithean co àrd agus co glòrmhor riu. Bha iad mar gum biobh cuideachd a’ gluasad fo cheòl cho binn ’s nach cuala cluas chruidhichte riamh a leithid. Dh’fhàg mo chompanach mi, agus chaidh e ’measg chàich. Chunnaic mi, ma dh’fhaodar a ràdh ris, an danns’ ait, a’ choisridh rioghail, dheal- MAC-TALLA AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1.00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1.52 DO BHREATUNN, DO NEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE. CEUD mile furain agus failt’ Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh! ’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas O bhliadhn’ gu bliadhn’ An gliocas, tuigse, tur is ceill; An eolas air gach ni fo ’n ghrein; Am meas, an cliu ’s am moran speis, An ear ’s an iar. Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis; ’S a bhuadhan co ni chur an geill Le peann ’s le guth? An t-armunn maiseach, uasal, grinn, A choisinn cliu le luaths a phinn Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir ’S an cluinnteadh ’ghuth. Mo mhile beannachd aig an dream A tha ’toirt aoidheachd dha gach am, ’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall, An am an fheum’: Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar, A choisinn cliu is buaidh ’s na blair, A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath ’S gach ait’ fo’n ghrein. —Bodachan a’ Gharaidh. THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN. “Cho Gaidhealach ri Fad Moine.” [TD 119] [Vol. 10. No. 16. p. 7] rach, ghlòrmhor, fo ghluasad—a’ togail an aoin òrain bhinn—an gnùisean àrda làn de thaingealachd—sòlas ait ’nan sùilibh. Mu dheireadh chunnacas neach a b’àirde ’s bu ghlòrmhoire na càch uile. Bha gach sùil air an tionndadh air, agus á solus glan a ghnùise-san tharruing gach gnùis eile an aoibhneas. B’ ann mar onoir dhàsan a bha’n ceòl ’s an dannsa; agus bha iad uile ’tarruing ’s ag òl uaithsan an sòlais, am beatha, ’s an toileachas-inntinn. Mar a bha mi mar so a’ dlùth bheachdachadh air na bha ’dol air aghaidh, bha neach ann a chunnaic mi, a dh’fhag a chuideachd eile, agus a thainig a nall far an robh mi a’m’ sheasamh. “C’arson,” ars’ esan, “a tha thu co tosdail, bronach, air leth o chàch? Thig, tog an ceol maille rinne, agus gluais ’san dannsa.” Cha’n ’eil fios agam ciod am buaireas a thainig orm, ach bha mìothlachd ’us corruich orm; agus fhreagair mi gu grad, “Cha tog mi ’n t-òran, oir cha’n aithne dhomh am fonn;—cha toir mi ceum ’san dannsa, oir cha’n ’eil eòlas agam air.” Tharruing e osann throm agus dh’fhag e mi. Tiota beag na dhéigh so, thainig fear eile, agus labhair e rium mar an ceudna le bàigh agus le anabarr iochd; ach fhreagair mi esan mar a rinn mi a’ cheud fhear. Bha duilgheadas mòr air. Ar leam, nam b’urrainn dha, gu’n dealaicheadh e ri aoibhneas fhlaithinnis air mo shon, agus gu’n tugadh e dhomh, ’na ghràdh, an trusgan soilleir glormhor a bha e féin a’ giùlan. Thréig e mi, agus sheas mi a’m’ aonar. Mu dheireadh mhothaich àrd cheannard an àigh mi—esan a bha iad a’ cliùthachadh le dannsa ’s le ceol. Chunnaic e mi, agus dhlùth-bheachdaich e orm. Thainig uamhas air m’ anam—thainig crith air m’ fheòil—tuainealach a’m’ cheann; agus dh’ éirich, ar leam, m’ fheoil o m’ chamhaibh le eagal. Labhair e; ach O! binnead a’ ghutha sin, có is urrainn a thuigsinn no ’chuir an ceill? “C’arson,” ars’ esan, “a tha thu ’fuireach air t’ais? Ciod so an grabadh no ’mhaille ’tha ’ga d’ bhacail? C’arson a tha thusa duillich, brònach, muladach, agus gach aon an so aighearach, lan sòlais? Thig do’n dannsa le càch; oir bhuadhaich mise, agus tha gach aon subhach. Tog an ceol, oir tha mo shluagh-sa deanamh gairdeachais ann an gràdh.” Bha de bhàigh, de ghràdh, de dh’iochd, de chaoimhneas, ann am briathraibh an aoin àird so, ’s a dh’ fhaodadh a’ chlach bu chruaidhe ’leaghadh; ach cha d’thainig taiseachadh sam bith air mo chridhe-sa. Dh’ amhairc mi air, agus fhreagair mi, “Cha teid mi do’n dannsa, cha tog mi an t-òran, cha dean mise gàirdeachas. Cha’n aithne dhomh am fonn, ’s cha’n ’eil tlachd agam ’san t-seòrsa ghàirdeachais a thu ’m pobull so a’ deanamh.” O an atharrachadh uamhasach a thainig air aogas, theicheadh a’ chruidheachd uile le oillt. Bha ’ghnùis a nis mar dhealanach; agus, le guth mòr na b’àirde na deich mile tàirneanach, labhair e, “Ciod, matà, a tha thu ’deanamh an so? Imich air falbh ort!” Air ball dh’ fhosgail an t-ùrlar fo m’ chasan, chriothnaich an talamh uile, agus thuit mise sìos do lasraichibh sìorruidh; agus leis an eagal dhuisg mi!” Bha oillt air na peathraichean ’nuair a chual’ iad an aisling eagalach. Mu dheireadh labhair an t-aon bu shine, agus thubhairt i,—“A phiuthar ghràdhach, chuala sinn an aisling. Na diùlt an rabhadh a tha Dia a’ toirt duit. Is ann o Dhia tha’n sanas sin. Ma dh’ éisdeas tu guth Dhé ’san aisling, faodaidh i ’bhi gu mòr air a beannachadh a chum math t’anama. Ciod am baile-mòr a chunnaic thu ach am baile sin air am bheil iomradh againn ann an Taisbean an diadhair Eòin—am baile glòrmhor sin aig nach ’eil feum air gréin no air gealaich? Oir tha Dia ’an sin, agus ’se ’n t-Uan is solus da. Gach aon a tha’n sin, ’s éigin gu ’n tilg iad dhiùbh an trusgain fein,—’se sin, am fìrinnteachd féin,—agus gum bi iad air an éideadh ann an anart geal agus glan, eadhon fìrinnteachd nan naomh; “agus ’s ann uamsa,” arsa Dia, “tha ’m fìrinnteachd.” Iadsan a tha ’san teampull àrd sin, sin iadsan a thainig tre amhghair, a nigh an trusgain, a rinn iad glan ann am fuil an Uain. Tha iad a’ togail an òrain nuaidh, eadhon òran Mhaois agus an Uain. Tha gliocas nèamh a’ feitheamh a h-uile latha aig na ceumanaibh, a’ glaodhaich air gach aon dol a stigh do thigh agus do theampull Dhé. Tha muinntir an Tighearna a ghnàth ag iarraidh orra dol a stigh, agus tha ministeirean a’s leabhraichean an t-soisgeil a’ gairm orra. Tha ’m Fear-Saoraidh glòrmhor e féin a’ gairm, ’s a’ guidhe, ’s ag aslachadh orr’, iad a theachd. A phiuthar ghràdhach,” ars’ iadsan, “tha thu eòlach air an t-slighe. Strìochd; leig dhìot t’ uaill agus do thoil féin, agus éisd an guth a tha ’ga d’ ghairm. Thig maille rinne. Foghlum òran nan naomh a sheinn air thalamh. Thig, guidheam ort—tuit a sìos an làthair Dhé—iarr maitheanas—gabh, O gabh an rabhadh a fhuair thu!” Chriothnaich i—thainig gruaim eagalach air a malan. “Cha ruig sibh a leas,” ars’ ise, “’bhi ’searmonachadh dhòmhsa; ni mi mar is àill leam.” Mar so mhair i deich làithean, gu gruamach, brònach, bochd, gun mhothachadh, gun taiseachadh. Ach air maduinn àraid, air do h-aon de ’peathraichean dol a stigh d’a seòmar, fhuair i na corp fuar i ’na leabaidh, gun phlosg, gun deò! Chaochail i gun atharrachadh, gun iompachadh! Gu ’n tugadh Dia dhuinn uile suim a ghabhail de gach sanas agus rabhadh a tha sinn a’ faotainn! [Tha sinn a cur na sgeul so an clò air iarrtus a’ Bhrathair Ananias, a chuir ugainn i á San Francisco. Fhuair esan i ann an seann aireamh de’n Chasket a thainig a mach ’sa bliadhna 1852. Bha an sgeul air a cur an clò an toiseach ann an Cuairtear nan Gleann ’sa bliadhna 1842.] Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto , Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. [TD 120] [Vol. 10. No. 16. p. 8] Oran an Latha ’n Diugh. Chuireadh an duanag a leanas am mach anns a Chasket, paipeir a tha gle mheasail air a Ghaidhlig, leis an Urr. A. M. Sinclair. LUINNEAG. Ho ro, mo dholar gaolach, Ho ri, mo dholar gaolach, Mo dholar laghach, gaolach, Co thaobhainn ach thu? A dholair, ’s e mo shòlas ’Bhith breith ort ann am chrògan; Gur cumadail ’s gach dòigh thu, ’S gur bòidheach do ghnùis. Thug mi le m’ chridhe gaol dhuit Nach dealaich rium ri m’ shaoghal; ’S nam b’ urrainn mi gun slaodainn Ri m’ thaobh thu do ’n ùir. Biodh amadain gun stòldachd A ruith an déidh nan òighean; Ach cumaidh mis’ an còmhnuidh Do ghlòir-sa roimh m’ shùil. Biodh daoin’ air bheagan léirsinn Ri duanagan ag éisdeachd, Ach ’s mise nach doir spéis dhaibh; ’S leat féin mi gu m’ chùl. Banais Chiostal Odhair. LE GILLEASBUIG NA CIOTAIG. A’ bhanais a bha ’n Ciostal Odhar, Ann an Ciostal Odhar, odhar, A’ bhanais a bha ’n Ciostal Odhar, Cha robh fothail choir orra. Thainig fear a stigh ’ga ’m ghriobadh, Dh’ innse gu ’n d’ thainig am pige, Fhuaras botal, lionadh slige, Bu bhinn gliog ’us cronan. Thainig fear a nuas le mi-mhodh, Gus e fein a chur an ire, Thoisich e air bleith nan iongnan Gu mi fhin a sgrobadh. Ach labhair mise gu fiadhaich, “Ma ’s e mi-stath tha thu ’g iarraidh, Gur docha gu ’n cuir mi ’n fhiacail Air iochdar do sgornain!” Smaointich mi eirigh ’nam sheasamh, O’n bu ghnàth leam a bhi ’g eadradh, Olc no dh’ eiginn fhuair mi ’leagail, ’S bhuail mi breab ’s an t—n air! ’N uair a chaidh na fir gu riasladh, Gu ’n robh ceathrar dhiu ’s a’ ghriosaich; ’M fear bu laige bha e ’n iochdar, ’S thug iad mirean beo as. ’N uair a thoisich iad ri buillean, Cha robh mi fein a’ cur cuir dhiom, Gus ’n do mhùigh iad air mo mhuineal, ’S air duilleag mo shroine. A sin ’n uair dh’ eirich an trioblaid, Thainig iad far an robh mise, Thog iad mi mach thun na sitig, Theab gu ’n ithte beo mi. Thug iad a mach thun nan raointean, Mar gu ’n rachadh cù ri caoirich, ’S am fear nach do sgrob iad aodann, Bha aodach ’na shroicean. ’N uair thoisich iad air a cheile, Sradadh na fol’ anns na speuran, Bha mis’ an aite ’g an éisdeachd, ’S gu ’m b’ éibhinn an spors iad. Bhuail iad air a cheile chnagadh, Leag iad air a cheile shadadh, Shin iad air aithris na braide, ’S air cagnadh nan ordag. Fear ri caoineadh, fear ri aighear, Fear ’na sheasamh, fear ’na laidhe, Fear a’ pogadh bean an taighe, Fear a’ gabhail orain! Cha robh ann ach beagan dibhe, Leig iad a dh’ ionnsuidh an cridhe, Bha fear ’us fear aca rithist Gun bhruidhinn gun chomhradh. Sin ’n uair a labhair am fidhleir, Chuir sibh mo phuirt feadh na fidhle, ’S mise ’m fear, gu ’n tig an dilinn, Nach toir sgriob air ceol duibh. Tha Ciostal Odhar, an t-àite anns an robh a bhanais ainmeil so, anns an Eilean Sgiathanach. Bha e astar math a Uidhist a Chinn a Tuath, dùthaich Ghille na Ciotaig, (Gilleasbuig Domhnullach), ach bu mhath a b’ fhiach dha an astar a dheanamh air son cuspair an orain so. Cha ’n eil teagamh nach eil a bhanais air a deanamh pailt cho dona ’sa bha i, ach cha ’n eil fhios am bheil e cur facal bréig’ oirre. Ceud no ceud gu leth bliadhna air ais cha b’i an fhothail bu choire bhiodh anns a Ghàidhealtachd air na toraidhean gun tighinn air na bainnsean. Iadsan a Phaigh. Ruairidh H. Mac Coinnich, Loch Bhlackett A. S. Dùghlach, S. W. Margaree. Domhnull Domhnullach, (Gobha), Abhainn Dhennis D. I. Mac Leoid, Sidni. Bean Iain Mhic Nimhein, Catalone. Gilleasbuig Mac-a-Bhiocair, Catalone. Seumas Mac Gilleain, Clarke’s Road. D. I. Mac Aonghais, Horne’s Road. Iain E. Mac Leoid, Ingonish. Dùghall Mac Cuithein, Glace Bay Mhor. Gilleasbuig Mac Gilleain, Kennington Cove Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove Micheal Mac Neill, Glengarry Valley. Iain A. Mac Ille-mhaoil, Grand Mira. Ruairidh Mathanach, St. Esperit. Mairearad Dhomhnullach, Ashfield. Iain Mac Coinnich, Mira Gut. Murchadh Mac Leoid, Baddeck Bay. I. W. Domhnullach, Malagawatch. Seonaid Ros, Baddeck Mhor. Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien. Cairistine Nic-a-Bhiocair, Port Morien. M. B. Domhnullach, Abhainn Dhennis. Gilleasbuig Mac Gilleain, Beinn Young. Bean Chaluim Mhic Leoid, Big Intervale, Margaree. D. F. Beuton, Mabou. Bean D. Bheutoin, Glenora Falls. Domhnull J. E. Mac Neill, Benacadie. Bean Mhurchaidh ’Ic Gilleain, Big Intervale Margaree. P. D. Mac Neill, Big Pond. Niall Mac Gilleain, (Eildear), Roseburn. Andra Mac Fhionghain, Maryvale, N. S. Iain I. Siosal, Antigonish, N. S. Iain Domhnullach, Antigonish, N. S. An t-Urr. Seumas Friseal, St. Andrew’s, N. S. Domhnull Beuton, Cardigan Bridge, P. E. I. Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove, P. E. I. Aonghas Mac Cuthaig, Kirk Hill, Ont. D. R. Mac Cuthaig, Kirk Hill, Ont. D. R. Mac Gillebhràth, Kirk Hill, Ont. Iomhar Mac Cuithein, Stayner, Ont. D. D. Siosal-Bayne, White Fish, Ont. Domhnull Mac Cuthaig, Dailché, Ont. Tormad Mac Rath, Alexandria, Ont. Niall Bàn Mac Coinnich, Lucknow, Ont. Iain Màrtuinn, Morriston, Ont. Domhnull Mac Rath, Vancouver, B. C. I. Mac Gill-fhinnein, Los Angeles, Cala. An t-Urr. W. Gleeson, Oakland, Cala. Niall Mac Gilleain, Omemee, No. Dakota. Seumas B. Stiubhart, Bottineau, No. Dakota. Iain A. Camaran, Bottineau, No. Dakota. Eachunn Dùghlach, Exeter, N. H. Eoghan G. Caimbeul, Sycamore, Ills. Cairistine A. Nic-Pheitris, Plymouth, Mass. Bean C. B. Fox, Dorchester, Mass. Calum Caimbeul, Fountain, Mich. A. R. Domhnullach, Albany, N. Y. An t-Oillear J. D. Prince, New York. Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba. Iain Domhnullach, Cnoc-nan-Torran, Uist. Iain Jack, Bombay, India. Dr. Zimmer, Berlin, ’sa Ghearmailt. Calum Mac Leoid, Hakataramea, N. Zealand Iain Mac Gill-fhinnein, Hakataramea, N. Zealand Iain Ceamp, Waipu, N. Zealand. Bais. Ann a Waipu, New Zealand, air a 25mh latha de Ogust, Murchadh Mac Gilleain, tri fichead us deich bliadhna dh’ aois, a’ fagail ceathrar nighean us triùir mhac. Chaochail a bhean aige o chionn iomadh bliadhna. B’e an dara mac aig Domhnull Mac Gilleain a thainig an so a ceann Cobh Bhaddeck. Anns an àite cheudna, air a cheud latha de September, Coinneach Mac Gill-fhinnein, da fhichead us coig bliadhna dh’ aois, a fàgail bantraich agus aon phàisde nighinn. B’e mac bu shine do Iain Mac Gillfhinnein, as an Acarsaid Mhoir. De Witt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. NUAIR A BHIOS TU.... ag uidheamachadh taighe tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinn ’s is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhe—coig piosan—air $35.00. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manger, Charlotte St. Brogan Saora. Brogan matha dhe gach seorsa—Brogan Fhear, Brogan Bhan, Brogan Cloinne, na seorsachan a thatar a cosg an cumantas, no mar a theirear riutha, Brogan Obrach. Tha iad so ri ’m faotainn gu saor aig Mills, MacKenzie & Ross. Air seann larach Iain A. Mhic Coinnich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr Sidni, C. B. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 121] [Vol. 10. No. 17. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 1, 1901. No. 17. A’ Chathair Fhalamh. (Eadar-theangaichte o’n Bheurla le IAIN). CAIB. I. IS cinnteach gu ’n cuala sibh uile iomradh air na beanntan ris an canar Cheviot. Tha iad aig a’ chrìch Shasunnaich. Is iad na beanntan so a thug dhuinn an t-ainm a tha againn air na caoraich mhaola, bhàna leis am bheil iomadh fear de thuathanaich na Gaidhealtachd a’ stocachadh a chuid fearainn. Tha na beanntan so gu math àrd, agus làn de gharbhlaichean. Ann an dùllachd na bliadhna bidh iad gu math tric fo chomhdach trom sneachda. Agus bidh stoirmeannan mòra na ’m measg aig iomadh àm. Ach air na comhnardan a tha faisge orra, tha achaidhean farsuinn anns am bheil fearann glé thorach, far an robh tuath thapaidh a’ tuineachadh anns na linntean a dh’ fhalbh. Bha ’n tuath so gu tric ann an aimhreit ris na Sasunnaich a bha ’n taobh thall dhe ’n chrìch. Bhiodh iad fhein ’s na Sasunnaich a’ togail creiche o chach a cheile an uair a gheibheadh iad an cothrom, direach mar a bhiodh aon treibh dhe na Gàidheil a’ togail creiche o threibh eile. Bha na h-Alabannaich pailt cho treun ’s cho cruadalach ris na Sasunnaich a bha cumail crìche riutha, agus mar bu trice b’ ann aca a bhiodh a’ [?]idh anns gach cath is caonaig a bhiodh eatorra. B’ e fear do ’m b’ ainm Padraig Elliot, aon de ’n tuath a bha anns an àm ud a’ fuireach faisge air na beanntan a dh’ ainmicheadh. Bha taigh mor math aige, agus mu chòig ceud acaire de dh’ fhearann math torach. Cha robh slat de ghàradh-crìche eadar a chuid fearainn-san agus fearann nan coimhearsnach. Bha sgonn maide, no clach mhòr, an sid ’s an so a’ comharrachadh am mach far an robh na crìochan. Ged a rachadh an spréidh uair is uair thar nan crìochan cha chluinnteadh facal aimhreiteach eadar Padraig agus a choimhearsnaich. Cha robh iad a’ meas gu ’m b’ fhiach dhaibh teannadh ri togail aimhreit air son beagan acraichean fearainn. Bhiodh na caoraich aig Padraig ’s aig na coimhearsnaich a null ’s a nall air na crìochan, agus iad a’ cheart cho fialaidh agus cho càirdeil mu ’n fheur ’s a bhiodh Padraig agus a choimhearsnaich an uair a bhiodh iad a’ gabhail bidh ann an taighean cach a cheile. Cha robh Padraig ’ga fhaireachadh fhein ann an suidheachadh cho math ’s bu mhiann leis; oir bha ’n taigh aige air a thogail air a’ chrìch a bha eadar Alaba agus Sasunn. Agus gu mi-fhortanach, cha robh fhios aige co dhiubh a bha e ’na Alabannach no ’na Shasunnach a thaobh breith. Cha robh e an comas dha fios fhaotainn mu dheidhinn nan daoine o’n d’ thainig e na b’ fhaide air ais na ’shinn-seanair, mu ’n robh cunntas aige anns a’ Bhiobull teaghlaich, far an robh e sgriobhte gu ’n d’ rugadh ’athair agus a sheanair air an làthraich air an robh e fhein. Ach air a shon sin cha robh a h-aon aca fo ’n dragh-inntinn fo ’n robh esan. Cha robh teagamh sam bith nach b’ ann air fearann Alaba a bha ’n seòmar-suidhe. Ach bha dà earrann dhe ’n chitsin air fearann Shasuinn. Rugadh ’athair ’s a sheanair ’s a shinn-seanair anns an t-seòmar a bha os cionn an t-seòmair-shuidhe, agus air an aobhar sin cha robh teagamh sam bith nach b’ e Alabannaich a bh’ annta. Ach rugadh Padraig gu mi-fhortanach anns an t-seòmar a bha os cionn a’ chitsin, agus o nach robh duine sam bith comasach air a dheanamh am mach co dhiubh a bha no nach robh an leaba anns an d’ rugadh Padraig os cionn fearann Alaba, no os cionn fearann Shasuinn, bha e tur neo-chomasach a dheanamh am mach co dhiubh a b’ Alabannach no bu Shasunnach a bh’ ann, gu sònraichte o nach robh ach ochd troidhean air gach rathad anns an t-seòmar. Ged a bha e gle dhoirbh do Padraig cur suas leis, b’ fheudar dha aideachadh nach robh fhios aige co an rioghachd dhe na dhà do ’m buineadh e. Is e an rud gu sònraichte a dh’ fhàg a shuidheachadh inntinn cho draghail gu ’m b’ fhearr leis gu mòr a bhith ’na Albannach no ’na Shasunnach. Bha rud no dhà ann a bha ’toirt toileachadh dha, agus b’ e sin, gu ’n robh a chuid fearainn gu léir ann an Alaba; gu ’n robh càirdeas fad as aig a mhàthair ris na Stiubhartaich; agus gu ’m b’ ainneamh teaghlach a bha cho measail agus cho sean ris an teaghlach o ’n d’ thainig e a thaobh ’athar. Cha b’ urrainn duine a dheanamh am mach air cainnt Phadraig co dhiubh a b’ Alabannach no bu Shasunnach e. An uair, a bhiodh e ’bruidhinn, labhradh e cuid a dh’ fhacail dhe ’n Bheurla chruaidh Shasunnaich, agus cuid dhe ’n Bheurla Alabannaich. Bha am fearann aige saor as a’ ghrunnd, agus air an aobhar sin theirteadh ris ann an rathad a bhith ’toirt urram dha, Padraig Elliot, Esquire, no Squire. Fad iomadh bliadhna cha robh fear eile air an taobh air an robh e dhe ’n dùthaich a bheireadh barr air gu ruith ’s gu leum ’s gu carachd, gu tilgeadh an ùird, agus gu caitheamh na cloiche. An àm caitheamh na cloiche dh’ fhalbhadh i o ’laimh le luaths agus le fuaim mar gu ’m biodh calaman a’ falbh air iteig. Cha leigeadh an t-eagal ach gann le fear sam bith eadar dà cheann na dùthchadh a dhol g’ a fheuchainn aig caitheamh na cloiche. An uair a bhiodh e ’tilgeadh an ùird mhor, shaoileadh daoine nach robh e ach mar bhioran maide ’na laimh, agus an uair a chuireadh e an t-òrd beagan uairean mu ’n cuairt gu h-ealamh os cionn a chinn, dh’ fhalbhadh e o ’laimh mar gu ’m falbhadh peillear á gunna. Sheasadh an fheadhainn a bhiodh ’g a fheuchainn air an ais, agus ghlaodhadh an fheadhainn a bhiodh ’g a amharc le àrd iolaich. Cha robh dad de thlachd aig Padraig ann a bhith ’g a mholadh an clàr an aodain. Air lath’ àraidh an uair a bha e ’caitheamh an ùird, thuirt fear dhe na bha làthair, “Nach math a gheibhear an Squire! An Squire gu bràth!” “An Squire! Co air a tha thu ’bruidhinn?” arsa Padraig. “Droch crìoch ort! C’ ait an robh thu an uair a bhaisteadh mi ’s a thugadh Squire mar ainm orm? Is e Padraig Elliot m’ ainm—fear a sheasas riutsa no ri fear sam bith a thogras sibh!” Bha inntinn Phadraig cho saor ’s cho aotrom ’s cho beòthail ’s cho treun ris an oiteig thlàth, no ris an stoirm làidir a thigeadh o na beanntan a bha dlùth dha. Bha e ’na dhuine làidir, fallainn, beòthail, sgairteil, agus bha mu thri clachan deug de chudrom ann. Ged a bha e pòsda, cha d’ thug am pòsadh atharrachadh sam bith air. Tha iadsan a tha ’smaointean gu ’n toir am pòsadh air falbh gach sunnd is aoibhneas is toileachadh a bhios aig daoine, a’ toirt maslaidh do ’n chloinn ghràdhaich a tha, an àm sgios is éis is trioblaid, le an aoidh ’s le ’n caoimhneas, a’ togail suas agus a’ neartachadh inntinn nam pàrantan. Bha Padraig fichead bliadhna pòsda ri Seonaid. Ach bha Seonaid a cheart cho ciùin ’s cho caoimhneil ’s a bha i riamh; agus, ann an sealladh Phadraig, bha i cho maiseach ’s a bha i an lath’ a phòs e i. Agus bha esan mar an ceudna cho sona ’s cho fialaidh ’s cho math nàdar ’s a bha e an lath’ a phòs e. Rugadh naoinear chloinne dhaibh, agus bha an aon a b’ òige dhiubh air glùin a mhàthar. Cha d’ thainig bròn no trioblaid riamh an rathad Phadraig; agus bha soirbheachadh mòr aige ’na mhnaoi, na theaghlach, agus na stoc. Bha e na bu bheairtiche na bha ’athraichean. Bha meas mòr aig na coimhearsnaich gu léir air, agus mar an ceudna aig a h-uile aon dhe ’chuid seirbhiseach. Cha robh farmad no eud aig neach sam bith ris air son cho math ’s a bha e ’soirbheachadh ’na chuid ’s ’na theaghlach. Ach thainig trioblaid agus bròn ro throm ’na rathad aig an àm a thug a shonas air falbh fad iomadh bliadhna. Thachair so air latha Nollag. Cha ’n fhacas latha Nollag riamh a thòisich cho gruamach ris. Bha na speuran air an comhdach gu buileach le neul trom, tiugh, dubh. Fad iomadh seachdain roimhe sid bha còta tiugh sneachda air an talamh gu léir. Agus o’n a bha uisge trom, dlùth ann fad an latha, dh’ fhàs an talamh cho dubh ’s cho gruamach ris na speuran fhein. Bha fead brònach aig a’ ghaoith am measg nan creag ’s nan gleann coltach ri caoidh a bhiodh legion de spioradan neo-fhaicsinneach a’ deanamh. Bha mill mhòra dhe ’n t-sneachda a’ bruchdadh a nuas muin air mhuin le fuaim eagalach o mhullach nam beann a dh’ ionnsuidh a’ chomhnaird. Dh’ at na sruthain bheaga a bhiodh a’ ruith o bhruaich nam beann gus an robh iad mu dheireadh cho mòr ri aimhnichean. Bha na h-aimhnichean a’ cur thar am bruaichean, agus a’ taomadh an tuiltean brasa le corruich ’s le cop air feadh nan gleann ’s nan comhnard mu gu ’m b’ e latha na h-aon dilinn a bhiodh ann. Ach anns an taigh aig Padraig bha na teintean a’ gabhail gu bras; bha ’n citsin luma làn de nithean matha a bha air an ullachadh air son na feusd aoibhnich; agus bha aghaidhean ro aoidheil ri ’m faicinn a’ siubhal o sheòmar gu seòmar. A h-uile latha Nollag bhiodh cuirm shòghmhor ann an taigh Phadraig, cha b’ ann idir mar urram do ’n latha, ach a chionn gu ’m b’ ann air latha Nollag a rugadh Tomas, a cheud-ghin mhic, a bha naoi bliadhna deug an lath’ ud. Ged a bha gràdh mòr aig Padraig d’ a chloinn gu léir, bha gràdh neo-chumanta aige do Thomas. Cha robh e aig an àm ud cumanta anns a’ chuid ud dhe ’n dùthaich a bhith ’cur litrichean a dh’ innseadh nach b’ urrainn daoine a dhol thun na cuirme; agus o ’n a tha fhios aig na [TD 122] [Vol. 10. No. 17. p. 2] h-uile nach leigeadh Padraig aon chuid le deoch laidir no le misgear a bhith aig cuirm ’na thaigh, bha fhios aca gu ’m biodh am pailteas dhe gach seòrsa bidh a b’ fhearr na cheile air a’ bhòrd aige, agus mar sin bha na càirdean ’s na coimhearsnaich a’ gabhail a chuiridh gu toileach. Bha na h-aoidhean air cruinneachadh agus o ’n a b’ e an citsin seòmar bu mhò ’s a b’ fharsuinne a bh’ anns an taigh, bha bòrd mòr, fada air a chuibhreachadh le anart grinn, geal, agus am pailteas dhe gach biadh math air o cheann gu ceann. Bha ceann dhe’n bhòrd ann an Alaba, agus ceann eile dheth ann an Sasunn. Air a’ cheann Shasunnach dhe ’n bhòrd bha marag mhor phlumbais a bheireadh uisge o fhiaclan duine sam bith, agus ròst dhe ’n mhairt-fheoil a b’ fhearr a bha ri ’fhaotainn; air a’ cheann Alabannach dheth bha taigeis mhor air a deadh dheasachadh, agus ceann is casan caorach. Bha am pailteas dhe gach seorsa bìdh a b’ fhearr na chéile a bha ri fhaotainn anns an dà rioghachd air meadhain a’ bhùird. Bha Alabannaich is Sasunnaich aig a’ bhord ’nan suidhe am measg a chéile mar a fhreagradh dhaibh. Bha duine ’na shuidhe air a h-uile cathair—ach an aon te. Bha ’chathair so aig deas laimh Phadraig ’s gun duine ’na shuidhe oirre. Thog e suas a lamhan ri ’shuilean, agus dh’ iarr e beannachd Dhe air na nithean math’ a bha fa ’n comhair, agus bha e ’dol a thoiseachadh ri gearradh na feòla do na h-aoidhean an uair a sheall e air a’ chathair a bha falamh ri thaobh. Thuit an sgian as a laimh air a bhòrd. Mar gu ’n tigeadh saighead o neach nach robh ri ’fhaicinn, ghrad bhuail iomaguin throm e, agus dh’ fhàs a ghnùis cho geal ris an anart. (Ri leantuinn). Uruisg Choire-nan-Nuallan. THACHAIR o chionn fada gu’n d’ thainig Righ Othaileam á Tùr Athaileam a shealg do Ghleann nam Mang ’s nam Maoiseach, is bha a chòmhnaidh “Fo annart thar gheig bharraich, An sealladh sroil am barr-chrannaibh a long.” Agus thachair air là de na làithean, an uair a bha iad am mach a’ sealg, gu ’n deachaidh mac an righ, Talamsan nan dual òir, air seacharan o chàch, ’s gun ’na chuideachd ach dithis ghillean, agus a chu, Luran, agus fhad ’sa bha iad ag iarraidh an rathaid thainig an t-anmoch orra. Agus thachair gu ’n robh an rathad dhachaidh ’g an toirt troimh Choire-nan-Nuallan, agus nuair a bha iad a’ dol seachad air bothan na h-àiridh aig Cailleach Bun-na-beinne bha ise ’mach, agus thubhairt i riutha, “Tillibh, a chlann; cha ’n ’eil an Coire glan roimhibh.” “Cha till ach gealtaire, a chailleach chrom,” arsa Talamsan. “Ciod is mò air Talamsan, mac Righ Othaileam á Tùr Athaileam thu féin no na bheil ’sa Choire.” “Is àrd d’ inbhe, a dhiùlanaich, ach ’s diù nach gabh comhairle,” ars’ a Chailleach. Ghabh na laoich air an aghaidh troimh Choire-nan-Nuallan gus an d’ thàinig iad gu Slochd-nam-Meall, agus an sin chunnaic iad an ainnir bu luraiche air an do dhearc sùil riamh. Bha ’sùil ghorm mheallach mar dhriùchd meala Air bharr failein nan lios; Mar uchd eala no cloimhead cannaich Bha snuadh lannair a cneis. Bha slatag sheilich ’na laimh dheis, agus bha a làmh chli air a cùlaobh. Chaidh an cù ceum air thoiseach air na daoine, agus an sin sheas e, ’us thòisich e air comhartaich rithe. “Caisg do chù, a Thalamsain? Bithidh coin nam flath air éill gus an tòisich an fhaoghaid,” ars’ ise. “Laigh, a Lurain,” arsa Talamsan. “Is e sin Luran do dhunaich-sa ’nochd!” ars’ an ainnir, nach robh ’na h-ainnir na b’ fhaide, ach ’na caillich nuallaidh, neamhail, ghuinich. Dh’ fhàs an t-slatag sheilich a bha ’na laimh ’na slacan draoidheachd, ’s bha nathair shligeanach, theinnteach ’na broilleach. Bha ’craicionn mar bhoicionn Ciar bhoc nan carn ’Bhios eadar an ceard ’san t-srad. Chnap-bhristeadh i ’chno Eadar a sroin ’sa smeig. Cho luath ’sa fhuair i ainm a’ choin, ghairm i g’ a h-ionnsuidh e, ’us cha d’ thugadh e feairt tuilleadh air a mhaighstir. Is ann a chaidh e ’n a charaibh leis an ùruisg, oir b’i sud Uruisg Choire-nan-Nuallan, ged bu mhaiseach i air a’ cheud sealladh a fhuair iad dh’i. ’Nuair a chunnaic na gillean mar thachair, theich iad dhachaidh leis an sgeul mhuladach, gu ’n do mharbh Uruisg Choire-nan-Nuallan Talamsan, mac an Righ. Thog an Righ am mach an la-iar-na-mhaireach, leis a h-uile duine ’bha mar mhiltean dha, a shireadh a mhic. Fhuair iad an cù, Luran, marbh ’s gun ribe fionnaidh air. Ach cha ’n fhac iad Mac an Righ, no Uruisg, ach meall ùr an Sloc-nam-meall. Thill an Righ dhachaidh gu dubhach, brònach. Cha robh aige de chloinn ach Talamsan agus aon nighean, Caol-mhala dhonn. Agus thug Caol-mhala bòid nach pòsadh i fear gu bràth ach am fear a mharbhadh Uruisg Choire-nan-Nuallan. Chuala Breac-ghlùn, mac Thorcuil, Righ Dhùnfhad an Eirinn, mu ’n bhòid a thug Caol-mhala dhonn. B’e sud Breac-ghlùn nan seachd cath, ’s nan seachd buadh, agus bhiodh seachd laoich a’ cath air gach laimh dheth. Air latha de na làithean thainig e air tir aig Amar-nan Eithear, agus thog e ris an aonach ’san anamoch, agus o nach robh aige ach cailleach ri choinneachadh cha b’ fhiach leis a chuid laoch a thoirt leis, ach thug e leis an t-Easgadach luath-chasach, A bheireadh air a’ ghaoth luaith Mhàirt, ’S cha bheireadh a’ ghaoth luath Mhàirt air. A’ dol seachad air bothan na h-àiridh aig Cailleach Bun-na-beinne, bha ’Chailleach am mach, agus thuirt i, “Tillibh, a’ chlann; cha ’n ’eil an Coire glan roimhibh.” “Gabh romhad, a’ chailleach liath,” arsa Breac-ghlùn, “cha till ach gealtaire. Dé ’s mò air Breac-ghlùn, mac Thorcuil, Righ Dhùnfhad nan coig stuadh an taobh tuath na h-Eirinn, thu féin no na tha ’s a’ Choire!” “Is àrd d’ inbhe, a dhiùlanaich, ach ’s ’diù nach gabh comhairle,” ars’ a’ Chailleach. ’Nuair a ràinig Breac-ghlùn Coire-nan-Nuallan, chunnaic e an ainnir bu mhaisiche air an do dhearc sùil riamh. Thar gach ainnir an snuadh A’ toirt buaidh air mnai na h-Eirinn. Bha slatag sheilich ’na laimh dheis, ’us thuirt i ris, “Cia d’ as, ’us dé d’ thuige, a laoich? Dé fàth do shaoid ’s do shiubhail?” “Is mise,” ars’ esan, “Breac-ghlùn, mac Thorcuil, Righ Dhùnfhad nan coig stuadh an taobh tuath na h-Eirinn, agus tha mi ’dol do Choire-nan-Nuallan a reir iarrtuis Caol-mhala duinn, nighean Righ Othaileam an Tùr Athaileam.” Ars’ an ainnir: “An e gaol ainnir no fuath ùruisg a thug Breac-ghlùn á Eirinn? Ma ’s e fuath ùruisg lùbaidh a chruaidh ri ’h-uchd; ma ’s e gaol ainnir, is sleamhainn an greim air an easgainn a h-earball. Tha ochd flaithean le mòr-fhir (Iarlan) an Tùr Athaileam an nochd— Is sleamhainn leac an doruis Tùir, Is sleamhna na sin ùidh ’s na dh’ aog. Is mise nighean Righ Garbh-shleagh an Talla-nan-Sògh, ’s tha maithean m’ athar aig ròic a nochd. Cuir do ghille a shireadh do laoich, ’us thigibh uile do Thalla-nan-Sògh ’us gheibh sibh aoidheachd nach d’ fhuair thu riamh air talamh na h-Eirinn.” “Falbh, Easgadaich,” arsa Breac-ghlùn, ’s e cur cagar na chluais, “greas an so na laoich, ach biodh iad nan éideadh.” Dh’ fhalbh an t-Easgadach; ’us mu ’n robh e ach gann air falbh dh’ atharraich an ainnir a cruth, ’us dh’ aithnich Breac-ghlùn gu ’m bi ’n Uruisg a bh’ aige. Dh’ fhàs a slatag sheilich ’na shlacan draoidheachd, ’us tharruinn Breac-ghlùn a shleagh, A bha sadadh air slacan na h-Uruisg, ’S a toirt mac-talla a stùcan nam beann. Ach ’nuair a thill an t-Easgadach ’s na laoich cha d’ fhuair iad mac righ, ainnir, no ùruisg, ach meall ùr an Sloc-nam-meall. Ach ’s e thachair air latha àraidh, ’Nuair a sheinn na h-eoin bhuidhe bhadanach An ceol binn, feadanach, gu ’n d’ thainig Fearchar Og na faoghaid le chuid ghaothar air éill. ’Nuair a bha e dol seachad air bothan na h-àiridh aig Cailleach-Bun-na beinne ’s an anmoch, bha a’ Chailleach am mach, ’s thuirt i, “Tillibh, a chlann: cha ’n ’eil an Coire glan roimhibh a nochd.” “Cha do thill nach do thréig, a mhuime chaomh na h-àiridh,” arsa Fearchar. “Nach tig thu seachd ceumannan am chuideachd? Thoir dhomh do bheannachd ’us cuir air falbh mi ’us caidlidh mi ’nochd fo sgàil an leamhain ’an Gleann nam mang ’s nam maoiseach, le ’m thriùir ghillean ruadh a ’s mo dha chù lonach, ’S mo ghallag bhig, robaich, nan gonagan giar, ’Bheir fuil air an fhiadh air gach beum.” Fhreagair a’ Chailleach: “An do thog Fearchar a shùil ris an ainnir a’s ciùine rosg?” “Cha d’ iarr mi ainnir no urram,” arsa Fearchar; “ach tha mi ’dol do ’n bheinn shithinn ’us sheilg, a ruagadh a’ bhuic, a’ bhruic ’us an fhéidh mu ’n éirich a’ ghrian am màireach.” An sin thuirt muime na h-àiridh, “Theid mi seachd ceumanan leat, ’us bheir mi seachd beannachdan dhut, ’Fhearchair, Mhic Airt, Mhic Aillinn, Nighean Righ Mhanainn a’ chuain, ’Thainig thar stuadh Innis-Orc; Mac an athar nach d’ thug càin Eadhon o nàmh le h-an-iochd. So agad mo lorg dhireach nan tri meangan, de ’n abhall nach crion, a chuir Manach air taobh deas balla crò a Chaibeil, ’s a bheannaich Manach tri uairean, ’us roimh ’n lùb faobhar an umha ma bhuailear a bhuille le daoi. Cuir dhìot gartan na coise clì, ’us cuir coingheall dheth mu amhaich na galla, thoir driùcan fala á cluais dheis an da choin, ’us na gairm a h-aon diubh air an ainm o’n théid a’ ghrian fodha gus am blais an t-eun an t-uisge an la-iar-na-mhàireach, ’us mo bheannachd a’ d’ chuideachd ’s bi triall.” Dh’ fhalbh Fearchar le ’ghillean ’s le ’choin, ’us bha sòrag na h-oidhche ’seinn ciùil dha. An uair a ràinig e Sloc-nam-meall thachair ainnir air ’s bu mhaiseach a snuadh. Bha ’h-àrd bhroilleach min Mar shneachd fiorghlan air fonn; Bha gucag a cich Mar bhlàth fearra-dhris ’sa choilleig Am blàthas doire nan tom. [TD 123] [Vol. 10. No. 17. p. 3] Bha slatag sheilich ’na laimh dheis, agus thòisich na coin air comhartaich rithe. “Caisg do choin, a laoich,” ars’ ise. “Cha greas ’s cha ghrab mi iad,” arsa Fearchar. Bha na coin ’s a h-uile rib a bh’ orra ’n a sheasamh cho direach ri frioghain an tuirc. Chas an ainnir greann ’us dh’ atharraich i ’cruth gu bhi ’na h-ùruisg cho oillteil, agus na b’ oillteile na bha i aon chuid do Thalamsan no do Bhreac-ghlùn. “Mur a caisg thusa do choin, caisgidh mise iad,” ars’ ise, ’us i ’toirt ionnsuidh air aon dhiubh leis an t-slacan. Tharruinn Fearchar a shleagh, ’us thoisich an slacadh. Mar robh nuallanaich an Coire-nan-Nuallan riamh roimhe, bha gu leoir dheth ann air an oidhche ud eadar na coin agus an Uruisg. A h-uile leum a bheireadh Bruid Thilleadh e le fuil m’a bhial; A h-uile beum a bheireadh Speach Thug an Uruisg sgread-da-sgriach. Leum an nathair shliginneach, theinnteach á broilleach na h-Uruisge, ’s thug i ionnsuidh air Fearchar, ach bhuail esan i leis an luirg aig muime na h-àiridh ’s chaidh i ’na cuaich, agus an sin dh’ at agus sgàin i, Le fuaim faoghair a chuir crith Air gach ladhar ’s a ghleann. Chaidh i ’n sin ’na lasair theine a’ chuir an Uruisg ri theine comhladh rithe, agus ann am prioba na sùla cha robh aig Fearchar ach torran luadha. Chaidh e fo sgàil barraich ’us thàinig an cadal air, oir bha e sgìth, agus dhùisgeadh am bristeadh na faire e le Brionn ag iomlaich aodainn. An sin sheinn Na h-eoin bhuidhe, bhadanach An ceol binn, feadanach; agus ’nuair a sheall Fearchar mu ’n cuairt air chunnaic e gu ’n robh mòran de mhill chlach iongantach an Sloc-nam-meall. Bhuail e ’n lorg abhaill air aon de na mill, agus thionndaidh am meall ’na dhuine, ’s theich Fearchar. “Na teach le abhall nam buadh, ’Fhearchair,” ars’ an duine; “tha feum ort fhathast an Sloc-nam-meall.” Thill Fearchar agus bhuail e ’n lorg air meal an deigh mill, air a h-uile meall an Sloc-nam-meall, ’s a h-uile meall dh’ fhàs ’na ghaisgeach gus an robh naoi naonar laoch ’nan seasamh r’a thaobh, agus ’n am measg bha Talamsan mac Righ Othaileam, agus Breac-ghlùn mac Righ Torcuil, agus thug Fearchar iad air fad gu Tùr Athaileam. ’Us fhuair e nighean an Righ agus dà ùmhlachd, ’S a chomhnaidh an Tùr Innis-Slòth. Agus mur do shiubhail iad o sin, tha iad beò fhathast. Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHA ’NAN CADAL. CAIB. V. AIG a’ cheart am thainig an righ am mach as an t-seomar anns an robh e ’g a fhalach fhein, agus chaidh e do sheomar eile, far am faiceadh ’s an cluinneadh e a h-uile dad a bhiodh a’ dol air aghart ann an seomar na comhairle. An uair a bhiodh e fhein tinn, b’ e an t-ard-chomhairleach a bhiodh air cheann na comhairle ’na aite. Ach an lath’ ud, b’ e Abou Hasan a bha ’na shuidhe air a’ chathair rioghail, agus bha ’n righ gle thoilichte an uair a chunnaic e gu’n robh e ’deanamh a’ ghnothaich a cheart cho ordail agus cho stolda ris fhein. Cho luath ’s a shuidh Abou Hasan air an righ-chathair, leig Giafar e-fhein ’na shineadh aig bonn na cathrach, agus an uair a dh’ eirich e ’na sheasamh, thuirt e: “A Cheannaird nan Creidmheach, gu ’m frasadh Dia a nuas a bheannachd air bhur morachd anns a’ bheatha so; gu’n tugadh e do pharras sibh anns an ath shaoghal; agus gu ’n cuireadh e bhur naimhdean gu h-amhluadh.” An deigh na thachair anns a’ mhadainn, agus an deigh nam briathran so a labhair Giafar ris, cha robh teagamh sam bith aig Abou Hasan nach robh e ’na righ, mar a bha e ’miannachadh; agus gun fheitheamh ris an tuilleadh feoraich a dheanamh mu thimchioll mar a thainig a leithid a dh’ atharrachadh air a shuidheachadh, thoisich e anns a’ mhionaid ri cur a chumhachd mar righ ann an gniomh. Dh’ amhairc e le aghaidh gle stolda air Giafar, agus dh’ fheoraich e dheth ciod a bh’ aige ri radh. “A Cheannard nan Creidmheach,” fhreagair Giafar, “tha na cinn-fheadhna, na comhairlich, agus na h-oifigich eile a bhuineas do ’n chomhairle, ’nan seasamh aig an dorus a’ feitheamh gus an iarr bhur morachd orra tighinn a steach, agus umhlachd a thaisbeanadh dhaibh mar bu ghnath leotha.” Anns a’ mhionaid dh’ ordaich Abou Hasan an dorus fhosgladh, agus an uair a thionndaidh Giafar ’aghaidh ris an dorus, thuirt e ri fear dhe na maoir a bha ’feitheamh ri ordugh aig an dorus: “Ard-dhorsair, tha Ceannard nan Creidmheach ag ordachadh dhut do dhleasdanas a dheanamh.” An uair a dh’ fhosgladh an dorus, thainig na comhairlich, na cinn-fheadhna, agus luchd-dreuchd eile na cuirte a steach, agus iad ann an eideadh anabarrach maiseach, agus an uair a choisich iad gu h-ordail gu bonn na righ-chathrach, thug iad umhlachd do Abou Hasan. Agus le ’n cinn gle chrom, agus iad air an leith ghluin, dh’ fhailtich iad e mar Cheannard nan Creidmheach, a reir mar a theagaisg Giafar dhaibh, agus an sin shuidh gach fear dhuibh ’na aite fhein. An uair a bha ’n deas-ghnath so seachad, agus a shuidh gach fear ’na aite fhein, agus gun aon fhacal ri chluinntinn anns an talla, sheas Giafar, an t-ard-chomhairleach, air beulaobh na righ-chathrach, agus thoisich e ri cunntas a thoirt seachad as a’ phaipear a bha ’na laimh, mu dheidhinn gach cuis a bh’ aig a’ chomhairle ri shocrachadh an lath’ ud; ach cha do thachair gu ’n robh gnothuichean ro chudthromach ri dheanamh. Ach air a shon sin, cha b’ urrainn an righ gun meas mor a bhith aige air an doigh anns an d’ rinn Abou Hasan a dhleasdanas. Bha e cho stolda ’na inntinn agus cho ciuin ’s cho measarra ’na chainnt ri breitheamh sam bith. Thug e breith air gach cuis a thainig fa chomhair a cheart cho glic, cho ordail, agus cho cothromach ’s ged a bhiodh e ’na shuidhe air an righ-chathair o laithean ’oige. Ach mu ’n do chuir Giafar crioch air cunntais a thoirt, seachad mu gach cuis a bha ’n lath’ ud a’ tighinn fa chomhair na comhairle, thug Abou Hasan an aire gu ’n robh ard-bhreitheamh a’ bhaile anns a’ chomhairle; oir dh’ aithnicheadh e ri ’fhaicinn e. “Dean stad,” ars’ esan, ris an ard-chomhairleach. “Tha ordugh sonraichte agam ri thoirt do dh’ ard-bhreitheamh a’ bhaile.” Thug ard-bhreitheamh a’ bhaile an aire gu ’n robh Abou Hasan ag amharc air, agus ag ainmeachadh ainme. Ghrad dh’ eirich e, agus choisich e air a shocair fhein gus an d’ rainig e bonn na righ-chathrach, far an do leig e e-fhein ’na shineadh le ’aghaidh air an urlar. “Ard-bhreitheamh a’ bhaile,” ars’ Abou Hasan, “bi falbh anns a’ mhionaid a dh’ ionnsuidh a leithid so de dh’ earrann dhe ’n bhaile, agus do ’n leithid so de shraid, far am bheil eaglais, agus dean greim air sagart na h-eaglais, agus air ceathrar de sheann daoine air am bheil feusag fhada, liath, agus thoir ceud buille le slait do gach fear dhe ’n cheathrar, agus ceithir cheud buille do ’n t-sagart. ’Na dheigh sin cuiridh tu an coignear aca air muin camhail an deigh dhut an comhdachadh le luideagan. Agus biodh aghaidh gach fir air earball a’ chamhail. Treoraich troimh ’n bhaile gu leir iad, agus biodh fear a’ glaodhaich rompa, agus ag radh: ‘Is e so am peanas a nithear air a h-uile neach a bhios a gabhail gnothaich ri rud sam bith nach buin daibh, agus aig am bheil e mar chleachdadh a bhith ’togail aimhreit agus eas-aonachd am measg theaghlaichean, agus a’ deanamh a h-uile olc a’s urrainn daibh.’ Is e mo run mar an ceudna, gu ’n tugadh tu ordugh dhaibh grad fhalbh as an earrann ud dhe ’n bhaile, agus gu ’n tilleadh air ais ann gu brath tuilleadh. Agus am feadh ’s a bhios na daoine a tha fo d’ laimh a’ treorachadh a’ choignear feadh a’ bhaile, thig thusa air ais an so, agus bheir thu dhomhsa cunntais air mar a chuir thu do dhleasdanas ann an gniomh.” Chuir ard-bhreitheamh a’ bhaile a lamh air a cheann mar chomharradh gu ’m fuilingeadh e an ceann a thoirt dheth mur deanadh e mar a dh’ ordaicheadh dha; agus an uair a leig e e fhein ’na shineadh an dara uair air beulaobh na righ-chathrach, dh’ fhalbh e. Bha ’n righ anabarrach toilichte leis an doigh ghreimeil anns an d’ thug Abou Hasan seachad an t-ordugh so, agus thug e an aire nach robh toil aig Abou Hasan an cothrom a bh’ aige air dioghaltas a dheanamh air an t-sagart, agus a’ cheathrar sheann daoin’ eile a leigeadh seachad. Aig a’ cheart am chaidh an t-ard-chomhairleach air aghart leis a’ chunntais a bh’ aige ri thoirt seachad mu gach cuis a bha ri tighinn air beulaobh na comhairle, agus bha e direach air criochnachadh an uair a thainig ard-bhreitheamh a’ bhaile air ais an deigh dha a dhleasdanas a chur an gniomh. Chaidh e dluth do ’n righ-chathair, mar a bha iomchuidh dha a dheanamh, agus thuirt e: “A Cheannaird nan Creidmheach, fhuair mi an sagart agus a cheathrar chompanach anns an eaglais a dh’ ainmich bhur morachd dhomh; agus mar dhearbhadh gu ’n d’ rinn mi mar a dh’ aithn sibh dhomh, tha agam an so paipear ris an do chuir na daoine a’s air de inbhe anns an earrann ud dhe ’n bhaile an ainm.” Aig a’ cheart am thug e paipear am mach as a bhrollach, agus thug e do Abou Hasan e. Rug Abou Hasan air a’ phaipear, agus an uair a leugh e gu curamach e, agus a thug e an aire gu ’n robh ainm dhaoine ris air an robh e gle eolach, thuirt e ris a’ bhreitheamh, agus fiamh gaire air a ghnuis: “Is ma a fhuaras tu; tha mi riaraichte leis an obair a rinn thu; suidh far an robh thu roimhe. An sin thuirt e ris fhein, agus e gle thoilichte, “Is math a thoill na seana chealgairean ud, a bha cho tric a’ faotainn coire dhomhsa, a chionn gu ’n robh mi a’ toirt aoidheachd do dhaoine coire, am peanas a chaidh a leagadh orra.” Thuig an righ aig an am gach smaointean a bh’ air an inntinn aige, agus bha aoibhneas do-labhairt air, a chionn gu ’n robh a’ chulaidh-spors a’ dol air aghart cho math ’sa bha i. An sin thuirt Abou Hasan, agus e ’labhairt ris an ard-chomhairleach: “Bi falbh far am bheil an t-ard fhear-ionmhais, agus faigh sporran anns am bi mile bonn oir uaithe, agus thoir e a dh’ ionnsuidh mathair fir do ’n ainm Abou Hasan, ris an canar gu cumanta, an ’struidhear.’ Tha i (Air a leantuinn air taobh 126). [TD 124] [Vol. 10. No. 17. p. 4] MAC-TALLA. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, NOBHEMBER 1, 1901. AFGHANISTAN. THA Afghanistan o chionn iomadh bliadhna na dùthaich a bha togail aire dhaoine ann an tomhas nach robh dùthaich sam bith eile ’s an Asia. ’S e b’ aobhar dha sin mar a tha i air a suidheachadh, eadar fearann Ruisia air an taobh tuath, agus na h-Innsean, a tha fo riaghladh Bhreatuinn, air an taobh deas, mar sin a cumail Ruisia us Bhreatunn o bhi nan dlùth nàbuidhean d’a chàch a cheile. Tha an da dhùthaich gle dheònach air a bhi nan càirdean do Ameer no Impire Afghanistan; agus bha an t-Ameer a chaochail o chionn ghoirid a faotainn suim mhor airgeid agus neart de dh’ airm-chogaidh o Bhreatunn na h-uile bliadhna, fhad ’s bu bheò e. Bha e air an aobhar sin gle chàirdeil rithe. Ach o ’n dh’ fhàg e tir nam beò, cha ’n eil Breatunn buileach cho cinnteach as a greim air an dùthaich, ged a tha mhac a ghabh ’àite gu ruige so a nochdadh càirdeis gu leor rithe. Tha an t-Impire òg so na dhuine glic, tuigseach, ach cha ’n eil e cho seasmhach no cho laidir ri ’athair gu bhi riaghladh ’s a cìsneachadh nan treubh an ceannairceach a tha ’n taobh a stigh de chriochan a dhùthcha. Agus o ’n tha Ruisia daonnan furachail, agus deiseil gus gach cothrom a gheibh i a ghabhail air son a cumhachd féin a mheudachadh agus cumhachd Bhreatunn a lughdachadh, faodaidh gu ’n teid aice air troimhe-cheile dhùsgadh. Ach tha fear-riaghlaidh glic aig Breatunn anns na h-Innsean, Morair Curzon, duine glic, comasach, ris am faodar cùisean Afghanistan as leth Bhreatuinn earbsa, le cinnt gu ’m seas e còir a dhùthcha, agus gu ’n cùm e na Ruiseanaich o chothrom na bruthaich fhaotainn air Breatunn anns an Asia fhad ’s a ghabhas sin deanamh. RIAGHLADH BAILE NEW YORK. THA cath mor a tòiseachadh ann an New York a thaobh riaghladh a bhaile. O chionn àireamh bhliadhnaichean tha riaghladh na caithir mhoir sin ann an lamhan dhaoine aig nach eil ni ’s an amharc ach lionadh am pòcaidean féin; tha gach dreuchd us oifig air an toirt do na daoine tha deònach pàigheadh air an son; agus tha iadsan a tha air son laghannan us reachdan a bhaile bhristeadh a’ faotainn cead sin a dheanamh le suim bhliadhnail a phàigheadh do Thammany. Chaidh moran dhe ’n obair sin a thoirt am follais air a bhliadhna so, agus thatar a nise deanamh deiseil air son ionnsuidh gharg a thobhairt air stad a chur oirre, le Tammany a chur á cumhachd! Tha iadsan a tha air son an t-ath-leasachadh a dheanamh an deigh Seth Low a thoirt a mach gu ruith air son a bhi na àrd-bhaillidh ’sa bhaile. Ma theid aca air a chur a stigh, gheibhear riaghladh glan agus onorach a chur air chois, agus casg a chur air moran uile a tha dol air adhart. Ach bidh an cath cruaidh agus salach. Cha ’n eil bhòt a ghabhas ceannach le airgead, le deoch làidir no le ais-innleachd sam bith nach bi aig Tammany, agus cha ’n eil teagamh nach bi moran bhòtaichean meagh-bhlàth nach gabh ceannach air am faotainn còmhla riutha. Tha sin na ’s dòcha a chionn gu bheil Mr Shepard, am fear a tha Tammany a toirt a mach, na dhuine bha gu ruige so a’ seasamh an aghaidh a’ chomuinn sin, agus a bha gu pearsanta fo dheagh chliù. Bidh roinn mhath de shluagh America ’s na Roinn-Eòrpa ag amharc air a chath mhor so, agus a’ feitheamh le geur aire ris gach fios a thig mu dheidhinn gu latha ’n taghaidh, nuair a gheibh Tammany buaidh no bàs. FACAL MU ’N “MHAC-TALLA” GED nach d’ rainig an teine mor a bha ann an Sidni cho fada tuath ri taigh-gnothuich MHIC-TALLA, chuir e call air, agus call nach bu bheag. Mar is fios do ar leughadairean, bha agus gach àireamh dhe ’n phaipeir Sanasan o luchd-gnothuich anns a bhaile a bha air son fios a thoirt do luchd na Gàilig mu gach seòrsa bathair us innsridh a bha iad a creic. Air son nan Sanasan sin bha roinn mhath airgeid a tighinn a stigh an ceann gach mios no ràidhe, a bha na chuideachadh mor ann am pàigheadh cosguis clo-bhualaidh a’ phaipeir. Tha moran dhiubhsan aig air robh Sanasan anns a MHAC-TALLA air an d’ thainig call leis an teine, agus mar sin nach bi airson an leantuinn anns a phaipeir na ’s fhaide. Tha sinn air an dòigh so a call roinn nach beag dhe ar teachd-a-steach, agus a chum àite nan Sanasan a lionadh, dh’ fheumamaid a dhol gu cosguis nach biodh ’nar comas a ghiulan gus am MAC-TALLA chumail a taghal air a chàirdean na h-uile seachdain. Feumar mar sin a bheairt a’s fhearr a dheanamh dhe ’n bheairt a’s miosa, agus a chur g’ an taghal an deigh so uair ’san da sheachdain. Tha fhios againn nach bi ar luchd-gabhail g’ ar ’n iomchoir air son sinn a ghabhail a cheuma so, oir cha ’n ann d’ ar deòin a tha sinn ga dheanamh. Agus ma sheasas iad ri ar cùl gu dìleas, agus gu ’n dean gach aon a dhichioll air tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do ’n MHAC-TALLA, ’s i ar barail nach ruith moran ùine gus am bi ’nar comas a rithist a chur am mach uair ’san t-seachdain, agus sin gun a bhi ach gle bheag an eisimeil luchd-nan-sanas. Tha barrachd shanas anns an àireamh so ’s bu chòir a bhi ann—chum gach drip a thainig oirnn an deigh an teine air ais san obair sinn. Ach anns an ath àireamh, a bhios a mach air a’ choigeamh latha deug dhe ’n mhios, agus anns gach àireamh a thig na deigh, bidh barrachd mor leughaidh ’sa bha ann an aon àireamh riamh roimhe. Tha barail againn gu ’m bi e ’nar comas paipear na ’s fhearr a chur a mach uair ’sa cheithir-la-deug na bha dol againn air a dheanamh uair ’san t-seachdain; agus ma chuireas ar càirdean deuchainn air, tha sinn a creidsinn gu ’m bi e na ’s taitniche le roinn mhor dhiubh na bha e riamh. Tha dòchas againn gu ’m bi MAC-TALLA an deigh so air fhàilteachadh ’s air a dhi-beathachadh anns gach dachaidh agus an robh e faotainn aoidheachd roimhe so, agus mar an ceudna ann an àireamh mhor anns nach d’ fhuair e eòlas fhathast. Falbh Chaluim Oig. BHA Calum òg a smuaineachadh gu ’n robh an t-àm air tighinn anns an robh e dligheach gu leòir dha taigh ’athar fhàgail agus dol do na Stàidean air thòir an fhortain, mar bha triuir eile de cho-aoisean ’s a choimhearsnachd a cur rompa dheanamh gun dàil. Cha robh athair no ’mhath idir deonach e dh’ fhalbh, eadhon ged biodh e comasach dhoibh deanamh as eugmhais. Bha iad le cheile faisg air an tri fichead bliadhna; agus is iomadh la cruaidh a dh’ oibrich iad e mhoch gu dubh mu’n deachaidh aca air an dachaidh fhaotuinn ’s an t-suidheachadh chomhfhurtail ’s an robh i air an dearbh oidhche bha ’n sid. Ged nach robh Calum fhathast fichead bliadhna dh’ aois, bha e ’m barail gu’n d’ rinn esan làn leoir de obair chruaidh re nan tri bliadhna o’n sguir e dhol do’n sgoil, na phaidheadh a phàrantan gu math air son gach ni a rinn iad riamh air a shon. Bha an t-aon bhràthair a bh’ aige ceithir bliadhna na b’ òige na e fein; agus a chionn ’s nach robh e’n seilbh air deadh shlainte, cha robh e comasach air a bheag de chòmhnadh a dheanamh ri ’phàrantan. Cha do chur sin dragh sam bith air inntinn Chalum, oir bha e smuaineachadh gu ’n rachadh aca air seirbheiseach fhasdadh ’s na h-amannan a’s mò bhiodh feum air, agus gu ’m faodadh iad fein an gnothuch a dheanamh a chuid eile dhe’n ùine. ’Nuair bha’n t-suipeir thairis thòisich e air cur a chuid aodaich ’n a thrunga, a chum a bhi deas gus an rathad iaruinn a ghabhail gu moch an la-iar-na-mhàireach. Bha ’mhathair, ’s i sileadh nan deur, a pasgadh suas shocsaichean, miotagan agus aodaichean eile bhiodh feumail dha na’n tigeadh air dol a dh’ obair do ’n choille re a gheamhraidh, a bha nis a tarruing dluth. ’Nuair bha Calum a dùnadh na trunga, thainig i d’ a ionnsuidh le Biobull ur, ag radh, “So, a mhic, thoir leat am Biobull so a cheannaich mise air do shon an diugh. Ge b’e àit am bi thu na dean dearmad air a bhi ’g a leughadh, ach gu h-àraidh air an t-Sàbaid. Biodh do ghluasad a reir teagasg na firinn, agus cha teid thu gu brath a thaobh le droch cuideachd.” Ghabh e am Biobull as a laimh, ach an àite chur ’s an trunga ’s ann a chuir e am pòca achlais a chòta e. ’Nuair bha athair a cuairteachadh an aoradh teaghlaich roimh àm dol a laidhe, bha e furasda aithneachadh gu ’n robh a chridhe an impis bristeadh le bròn. Ghuidh e gu dùrachdach gu ’m biodh an Ti air nach aom codal no suain a gabhail cùram d’a mhac a bha rùnachadh dealachadh riu cho luath, agus gu ’m biodh e ’n uine ghearr air aomadh gu pilleadh. An deigh sin ghabh iad mu thàmh, ach cha b’ ann gu cadal. ’Nuair chaidh Calum d’a sheomar smuainich e gu ’n tugadh e suil anns a Bhiobull ur. Air dha fhosgladh b’e an ceud àite air an do thuit a shuil an ceud rann de’n deicheamh caibideil de Ghnath-fhocail Sholamh—Ni mac glic athair subhach; ach is e mac amaideach dubhachas a mhathair. Air ball thoisich ni-eiginn an taobh a stigh dheth air a radh ris, Am bheil thusa a’ d’ mhac glic? Am bheil thu a’ d’ aobhar subhachais do d’ athair agus do d’ mhàthair air an oidhche nochd? Leig dhiot d’ amaideachd, agus na dealaich ri do phàrantan aosda, ’s cha bhi la aithreachais gu bràth ort. Leig se e fein ’na shìneadh air an leabaidh. Cha robh fios aige ciod a dheanadh e. Mar bu mhodha bha e smuaineachadh mu ’n chùis, bha ’n t-eagal a meudachadh gu’m biodh e gle chearr dha falbh. ’Nuair dh’ fhairich e athair a dol a bhiadhadh an eich roimh bhriseadh an la, bha e ann an suidheachadh gle an-shocrach ’n a inntinn. Dh’ eirich e goirid an deigh sin, agus fhuair e bòrd de gach ni a b’ fhearr na cheile suidhichte aig a mhathair. Dh’ iarr i air athair ’s air fein suidhe sios gun dail, air eagal ’s nach ruigeadh iad caladh an rathaid-iaruinn ’n a thràth. Fhreagair Calum, “Suidhidh sinn sios gu dearbh, ach cha’n fhaic sibh m’athair no mise ’dol gu caladh an rathaid-iaruinn an diugh.” Dh’ aithris e ’n sin mar chur e ’n oidhche seachad, mar a bhuail a chogais air an deigh dha an rann ud a leughadh anns a Bhiobull, ’s a dh’ oibrich i air gus an robh e nis an deigh am falbh a leigeil as a cheann gu buileach. Dh’ amhairc a phàrantan air a cheile gun fhios aca ciod a theireadh iad. ’S shuidh iad an sin sios gu sona nan triuir a ghabhail a bhiadh a bu bhlasda, mar ’s minic a thuirt Calum, air na bhlais e fein riamh. Dh’ fhan e maille riu a gabhail deadh chùram dhiubh gu la am bàis, ’s bha e fhad ’s bu bheò e làn riaruichte leis an roghainn a rinn e ’s b’ i a chomhairle a ghnath gun dearmad a dheanamh air pàrantan, gu h-àraidh nan sean aois. [TD 125] [Vol. 10. No. 17. p. 5] Naigheachdan. UAIR ’SAN DA SHEACHDAIN—Bidh am MAC-TALLA ’n deigh so a tighinn a mach uair ’san da sheachdain. Chithear air taobh eile dhe ’n àireamh carson a rinneadh an t-atharrachadh. LOSGADH SOITHICH IASGAICH—Chaidh soitheach-iasgaich luachmhor a losgadh ann an acarsaid Sidni Tuath feasgar Di-haoine s’a chaidh. Bhuineadh i do Chaiptean Sol Jacobs, an t-iasgair-rionnaich a’s fhearr a tha seòladh á Gloucester. B’ fhiach i seachd mile fichead dolair, agus bha i air a h-urrasachadh air son seachd mile deug. Bha inneal gasoline air bord an t-soithich, agus ’se ’n t-eagal gu’n spraidheadh an t-amar anns an robh an olla sin air a cumail a chum daoine o dhol ga ’sàbhaladh. ’S e b’ ainm d’ an t-soitheach, Helen M. Gould. TEINE AN SIDNI TUATH—Chaidh an stor mhor aig na Braithrean Vooght, ann an Sidni Tuath, a losgadh gu làr maduinn Di-màirt. Thòisich an teine beagan romh thri uairean ’sa mhaduinn, agus bha e cho fad air adhart mu ’n dugadh fa-near dha ’s nach robh doigh air an togalach, no am bathar a bha na bhroinn a shàbhaladh. B’ fhiach an da chuid dlùth air sia fichead mile dolair ($128, 000), agus bha leth-cheud us coig mile de dh’ urrasachadh orra. Tha an call mar sin gle mhor. B’e so an taigh-ceannachd bu mhotha bha air an eilean, agus aon de ’n fheadhainn bu mhotha bha ann an Nobha Scotia. OIDHCHE SHAMHNA—B’i ’n raoir an oidhche ris an canar Oidhche Shamhna. Ged a tha na cleasan ’s na cleachdaidhean air son an robh an t-Samhainn ainmeil ’san àm a dh’ fhalbh air a dhol ann an tomhas mor á cuimhne, cha ’n eil na gillean òga ’ga leigeil seachad gun spors gu leor a dheanamh dhaibh féin. Air an dùthaich bidh gàraidhean-cail agus pàirceannan-tuirneap air an spùilleadh, agus geatachan agus dorsan shaibhlean air an toirt bhar nan lùdag. Anns na bailtean bidh othail agus gleadhraich neo-àbhaisteach air na ballaich, agus bidh ceumannan-dhorsan agus nithean eile dhe ’n t-seòrsa sin air chall ’sa mhaduinn. Ach am bitheantas cha bhi cron no call mor sam bith air a dheanamh. Anns na cearnan de ’n dùthaich anns nach eil na Gàidheil air fàs ro-Ghallda, gheibhear an fhuarag agus cuid de na cleachdaidhean a bhiodh an sinnsir a gnàthachadh anns na làithean a dh’ aom. MORT GRAINEIL—Rinneadh mort gràineil ann a Westmount, am Montreal, oidhche Di-sathairne s’a chaidh. Bha gille beag, aois ochd bliadhna, air a mharbhadh le duine doraich. Bha ’n gille dol dhachaidh á taigh a sheanamhar mu shia uairean feasgar. Bha a dha laimh na phòcaidean ’s e gleadhraich beagan shentichean a bh’ annta nuair a thachair an duin’ air ’sa dh’ iarr e an t-airgead air. Dhiùlt e sin a dheanamh, agus rug an duine air sgòrnan air, agus stob e sgian na amhaich ’s na chom, ’s an deigh an t-airgead—coig sentichean denga—a thoirt as a phòcaidean, dh’ fhalbh e a dh’ òl. Fhuaireadh corp a ghille mu dheich uairean san oidhche, agus cha robh fhios co thainig ri bheatha gu maduinn an la.iar-na-mhàireach, nuair a thug am mortair e-fein suas, ’sa dh’ innis e an sgeul mar a thatar ga h-aithris. Is duine mhuinntir Denmark e. Is ainm dha Thorvald Hansen. B’e ainm a ghille Eric Marrotte. An Teine. Cha ’n fhacas ann an Ceap Breatuinn riamh roimhe teine cho mor no cho sgriosail ’sa bha anns a’ bhaile so Di-sathairne an naodhamh latha deug de dh’ October. Bha tri fichead us seachd togalach, beag us mor, air an losgadh gu làr, agus tha an call uile gu leir air a mheas aig coig ceud mile dolair. Cha robh ach mu dha cheud us sia air fhichead mile dolair de dh’ urrasachadh air na chaidh a losgadh, agus mar sin tha an call gle mhor. Bu storaichean agus taighean gnothuich a mhor chuid de na togalaichean a chaidh a losgadh, agus mar sin ged a tha ’n call mor, cha’n eil ach àireamh gle bheag a chaill na bh’ aca ris an t-saoghal, agus a tha air an toirt gu bochduinn. Anns an dòigh sin cha robh an teine cho cronail ’sa bhitheadh e na’n robh e air ruith air earainn dhe ’n bhaile anns am biodh àireamh mhor de thaighean còmhnuidh. Thoisich an teine anns an stor aig Gordon & Keith, air taobh an iar sràid Shearlot. Bha e air aobharachadh le stobh olla, air an robhas a leaghadh glaoidh, a dhol thairis. Bhatar a’ càradh aon de na pioban uisge air an t-sraid, cha robh deur uisge san stor aig an am, ’s mar sin fhuair an teine ùine air greimeachadh. Bha gaoth làidir a séideadh o’n àirde ’n iar agus an ùine ghoirid chunnacas gu robh teine mor gu bhi ann. Fhuair e greim air na togalaichean air gach taobh agus tarsuinn an t-sràid, ’s as a sin sgaoil e. Air taobh an iar sràid Shearlot loisgeadh oisean McDonald & Hanrahan gu oisean Ingraham. Air an taobh an ear dhe ’n t-sràid loisgeadh cho fada tuath ri oisean Mhoore, far an d’ fhuaireadh an teine chasg. Cha robh air fhàgail air an da square sin, eadar sràidean Wentworth agus Pitt ach aon tigh—tigh-comhnuidh Mrs Ingraham. Chaidh àireamh thaighean a losgadh an ear air sràid Bhentick, agus air sràid Sheòrais. Chaidh sàbhaladh caol air an eaglais Bhaisteich, air eaglais St Andrew’s agus air Talla nan Daoin’ Oga. Bu shealladh grànda bha ri fhaicinn ’sa chuid sin de’n bhaile maduinn an ath latha, làraichean dubha, loisgte an aite nan togalaichean anns an robhas o chionn iomadh bliadhna a’ deanamh a mhor chuid de ghnothuch a’ bhaile, sealladh nach leig neach a chunnaic e air diochuimhn ri bheò. Gu fortanach cha do thachair droch sgiorradh sam bith aig an teine; bha iadsan a bha cur cath ris gu tric ann an cunnart, agus nochd iad an tréine ’san tapadh iomadh uair, ach cha d’ fhuair goirteachadh ach fear no dha dhiubh, agus cha robh an goirteachadh a fhuair iad dona. Fhad ’sa bha ’n teine losgadh ’s daoine trang a sàbhaladh an cuid bathair us innsridh, bha na meairlich ag obair air an ceaird féin, agus ghoideadh moran de na chaidh a shàbhaladh o’n teine. Chaidh àireamh de luchd na braide a ghlacadh, agus maduinn Di-luain fhuair iad am peanaisteachadh. Anns a chearna chaidh a losgadh agus a deas gu sràid Dorchester cha ’n fhaodar a chur suas an deigh so ach togalaichean cloiche no brick Air son a gheamhraidh faodar taighean beaga fiodha chur air na laraichean loisgte leothasan a chaill an taighean gnothuich, ach feumaidh iad sin uile bhi air an toirt air falbh romh dheireadh na h-ath bhliadhna. Ma tha thu ’g iarraidh Deagh Bhrogan Obrach a sheasas ri ’n cosg gu cruaidh ri side bhog, theid againn air an toirt dhut. ’S ann againn a gheibhear BROGAN AMHERST an seorsa ’s fhearr a thatar a deanamh. A. W. Redden & Co. ROSS BLOCK. SIDNI. Thig sinn suas ris an fheadhainn a’s fhearr ann an deanamh Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa Bathair-Each. ’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Caradh Uaireadairean, Chlocaichean agus Sheudan ....ANN AN STOR.... K. BEZANSON. Theid iad an urras air gach obair a ni iad........ An Togalach Hanington. SIDNI. [TD 126] [Vol. 10. No. 17. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 123.) ’fuireach anns an earrann sin dhe ’n bhaile do ’n chuir mi an t-ard-bhreitheamh. Bi falbh, agus na bi fada gun tilleadh.” An deigh do ’n ard-chomhairleach a lamh a chur air a cheann fhein, agus e fhein a leigeadh ’na shineadh air beulaobh na righ-chathrach, chaidh e far an robh an t-ard-fhear-ionmhais, agus an uair a fhuair e sporran uaithe anns an robh mile bonn oir, thug e do sheirbhiseach e gus a ghiulan ’na dheigh gu ruige taigh mathair Abou Hasain. An uair a thug e dhi e, thuirt e: “Sin tiodhlac a chuir an righ g’ ad ionnsuidh.” Ghabh i ioghnadh gu leor a chionn a leithid de thiodhlac fhaotainn. Cha b’ urrainn i a thuigsinn idir ciod a thug air an righ a bhith cho fialaidh rithe, oir cha robh fhios aice air na gnothaichean a bha ’dol air aghart anns an luchairt. Fhad ’s a bha ’n t-ard-chomhairleach air falbh, thug ard-bhreitheamh a’ bhaile cunntas seachad mu dheidhinn gach obair a rinn e; agus thainig an t-ard-chomhairleach air ais mu ’n am anns an do chuir e crioch air na bh’ aige ri innseadh. Cho luath ’s a thug an t-ard-chomhairleach fios do Abou Hasan gu ’n d’ thug e am mile bonn oir seachad mar a dh’ iarradh air, thainig Mesrour do ’n talla, agus thug e comharradh seachad do na cinn-fheadhna, do na comhairlich, agus do ’n luchd-dreuchd eile, gu ’n d’ thainig obair na comhairle gu crich, agus gu ’m faodadh iad a bhith falbh. An uair a rinn iad an umhlachd a bha iad a gnathachadh a dheanamh, dh’ fhalbh iad. Ann an uine ghoirid thainig Abou Hasan a nuas bhar na righ-chathrach, le cuideachadh Mhesrour agus na oifigich eile, mar a chaidh e suas. Thug iad air ais e do ’n t-seomar as an d’ thainig e, agus Giafar a’ coiseachd rompa. An uine ghoirid thainig feum aige air a dhol do sheomar araidh, agus thug iad e gu closaid ghrinn air an robh urlar marmoir. Thug iad dha drathais de shioda air a h-oibreachadh le snath oir gus e ’g a cur uime mu ’n rachadh e steach. Ghabh e an drathais as an laimh; ach o nach robh fhios aige ciod e am feum a bh’ oirre, stob e suas ’na mhuilichinn i. Mar is trice, is e rud beag, suarach is trice a bheir gaire air daoine na rud cudthromach, agus cha mhor nach do bhrist an gaire air Giafar, air Mesrour, agus air an luchd-dreuchd eile, an uair a chunnaic iad mar a rinn e; ach chaidh aca air cumail orra fhein, agus b’ fheudar Ghiafar mu dheireadh am feum air son an robh an drathais innseadh dha mu ’n deachaidh e steach do’n chlosaid. Am feadh ’s a bha Abou Hasan anns a’ chlosaid, chaidh Giafar far an robh an righ, agus e air a dhol do sheomar-falaich eile, agus dh’ innis e dha a h uile car mar a thachair. Chord na dh’ innis e ris an righ anabarrach math. (Ri leantuinn.) Searmon Airson na h-Oigridh. EARRANN I. MO chàirdean òg! chuala sibh gu tric mu thimchioll Dhé, agus chuala sibh mòran mu dheidhinn. Tha mis’ air an àm a dol a dh’ fheòraich ceisd chudthromach dhibhse—Ciamar ’tha fios agaibh gu bheil Dia ann? Am fac’ a h-aon agaibh e riamh? Cha ’n fhaca; oir tha e ’g ràdh ’na Fhocal naomh féin, “Cha ’n fhaca neach air bith Dia riamh.” Am bheil sinn làn chinnteach gu bheil iomad nì ’san t-saoghal so nach fhaca sinne riamh? Tha’ gun teagamh, iomad nì. Cha’n fhac’ a h-aon agaibh riamh baile-mòr Pharis, ceann-bhaile na Frainge, no is dòcha Lunuinn; ach tha fios agaibh gu bheil a leithid sin do dh’aiteachan ann. Ciamar a ta fios agaibh? Thà chionn gu’n robh feadhainn eil’ a chunnaic iad, ’s a thug cunntas orra. ’Nis, mar biodh neach air bith ann a chunnaic na bailtean mòr sin riamh, na ’thug cunntas dhuinn mu’n déidhinn, am b’urrainn fios a bhi againn gu robh a leithid do dh’aiteachan ann? Cha b’urrainn; bhiodh e eu-comasach dhuinn eòlas air bith a bhi againn mu’n déidhinn. Ciamar, matà, ’tha fios againn gu bheil Dia ann? An ann a chionn gu bheil iadsan a sgriobh am Bìobull ag ràdh gu bheil Dia ann? Ciamar ’tha fios acasan? Cha ’n fhac’ iad Dia. Ach an urrainn duinn’ a chreidsinn gu bheil ni air bith ann nach fhaca duine riamh? Tha e comasach dhuinn a chreidsinn gu bheil iomad nì ann nach facas, agus nach urrainnear fhaicinn. Seas aig an uinneig latha gaothar fuar. Faic mar tha na craobhan a’ gluasad, agus air an ais a’s air an aghart—na geugan air an crathadh—na duilleagan a tuiteam, a’s air an sguabadh a null ’s a nall. Ciod ’tha ga dheanamh so? Tha fios agaibh gur i ’ghaoth is coireach, ’s a tha ’ga dheanamh. Ach an urrainn dhuibh a’ ghaoth fhaicinn? Cha’n urrainn, ach tha fios aig a h-uile h-aon agaibh gu bheil an nì sin ann ris an can sinn a’ ghaoth, ged nach léir dhuinn i le ’r sùilean. An robh a h-aon agaibh riamh tinn, ann an dòruinn, no ann am péin chorpora? Is dòcha gu robh. Ach am fac’ a h-aon agaibh riamh pian no dòruinn?—an cuala sibh iad?—na laimhsich sibh iad? Cha’n fhaca, cha chuala, ’s cha do laimhsich; agus gidheadh tha sibh a’ creidsinn gu bheil pian a’s dòruinn ann. Ciamar ’tha fios agaibh gu bheil an nì sin ann ris an canar acras? Cha’n fhaca sibh e, cha do laimhsich sibh e. Ach mhothuich sibh dha, ’s mar so thuig agus chreid sibh gu robh an ni sin ann ris an canar acras. Nan canainn a nis nach ’eil an nì sin ris an abrar gràdh ’san t-saoghal, am biodh sin fìor? Dearbh dhomh gu bheil gràdh ann; cha’n fhac’ thu riamh e. Cha’n fhac’ ach mhothuich thu e. Tha athair a’s màthair agad—tha thu toirt gràdh dhoibh; ’s tha fios agad gu bheil gràdh ann, ged nach fhaic thu e. Nan cailleadh a h-aon de na leanabanan beaga sin ris a’ bheil mi a’ labhairt a dhà shùil, bhiodh e na dhall; ach bhiodh ’inntinn fathast aige, a’s comas air smuaineachadh. Dh’fhaotadh e, ged a robh e na dhall, a bhi smuaineachadh leis féin mu thimchioll tigh ’athar, agus mu choslas ’athar agus a mhàthar. Ged a chailleadh e na dheigh sin a chlàisneachd, ’s mar sin a bhi bodhar, dh’ fhaodadh e ’bhi cuimhneachadh ’s a’ smuaineachadh mu ghuth ’athar ’s a mhàthar, an uair a b’ àbhaist doibh ’bhi labhairt ris. Ged a chailleadh e na dheigh sin a bhlasad, gidheadh b’urrainn da ’bhi smuaineachadh ’s a’ cuimhneachadh blas a’ bhithidh ’s na dibhe a b’àbhaist da ’bhi gabhail. ’Seadh, ged a chailleadh e a fhradharc, ’sa chlàisneachd, ’sa chomas air nì sam bith a laimhseachadh, b’urrainn da innseadh dhuinn ciamar a b’àbhaist do gach nì a bhi ’na bheachd. Dh’ fhaodadh e a ràdh. “B’àbhaist do’n ghréin amharc cruinn, dealrach;” agus mar an ceudna, “B’ àbhaist boladh cùbhraidh e bhi de’n bhlàth so, ’s de’n bhlàth so eile—b’abhaist do bhlas milis a bhi de’n mhil ’s de’n t-siucar, agus fonn binn o’n inneal-chiùil so ’s o’n inneal-chiùil ud eile.” ’Se sin ri ràdh, b’urrainn da smuaineachadh mu dhéibhinn na nithe sin. Ciod e, matà, ’tha mar so a’smuaineachadh? Tha an t-anam a tha an taobh a stigh dhiot. Ciamar a ta fios agad gu bheil obair anns an uaireadair sin a th’agad a’d’ làimh? Tha do bhrìgh gu bheil thu ’g éisdeachd a’ bhuile bhig ’tha thu a’ cluinntinn ’nuair a chuireas tu ri d’ chluais i, ’s a chionn gu bheil thu faicinn nan làmhan beaga sin ’tha cuimseachadh mach nan uairean agus na mionaidean a’ gluasad. Cha’n fhaca neach air bith riamh an t-anam, ’s gidheadh tha fios againn gu bheil anam againn, do bhrìgh gur léir dhuinn iomad nì tha’n t-anam so a’ deanamh. An uair tha’n t-anam subhach, tha so ri léirsinn a’ d’ ghnùis: an uair tha’n t-anam trom, brònach, fo mhìchean, tha so ri léirsinn air t’aogas, agus theagamh le deuraibh do shùl. Nis, ’s ann leis an dòigh chreidsinn so ’tha fios againn gu bheil Dia ann. Thoir fainear na tha mi dol a ràdh riut, agus faiceamaid an urrainn duinn a dhearbhadh gu bheil Dia ann, a thaobh gu bheil e ’deanamh iomad nì. Amhairc air an eaglais so anns a’ bheil sinn cruinn. Mothuich a’ chrannag so anns a’ bheil mise ’seasamh, an staidhir so air an do dhirich mi, agus an t-àite anns a’ bheil mi air uairibh a’ m’ shuidhe. C’arson a rinneadh iad? Nach d’ rinneadh a’ chranaig so airson a’ mhinisteir?—àrd, chum ’s gum faiceadh gach aon e, an staidhir ’ga chuideachadh chum tighinn a nuas do’n àite so. Rinneadh na h-àiteachan ’san eaglais airson an t-sluaigh, air am faod iad suidhe ré na searmonachadh. Rinneadh na h-uineagan airson solus a leigeadh a stigh. Chuireadh lobhtachan gu h-ard, airson barrachd sluaigh a chumail. Chuireadh postachan fodhpa mar thaic, chum an cumail o thuiteam agus o fhàilneachadh. Rinneadh na dorsan chum a’ ghaoth, le fuachd, a chumail a mach, an tigh a dheanamh seasgair, agus a dhùnadh ’nuair nach robh feum orra. Cha’n fhaic thu leapaichean ann, no àiteachan-cadal. Tha thu leis a so a’ tuigsinn nach ann na àite-tàimh no cadal a tha e. Cha’n fhaic thu prasach no buaigheal ann. Tha thu leis a so ’tuigsinn nach ann airson eich no bó a thogadh e, ach gu’n d’rinnear e gu bhi na thigh-aoraidh do Dhia. Nis’ nan canainn sa riut nach do thogadh an tigh so riamh le neach air bith—gu’n robh e riamh mar so—gu’n d’éirich e suas leis féin tre thuiteamas, direach mar ’tha thu ’ga fhaicinn—gu’n d’fhàs am balla, na clachan, an t-aol, am fiodh, na sgliadan, na h-àiteachan-suidhe, a’ chrannag, na h-uinneagan, a’ ghloinne, agus na h-uile nì ceart mar a ta iad—gu ’n d’ thàinig iad ri chéile tre thuiteamas—am b’urrainn dhuit mo chreidsinn? Cha chreideadh am balachan no ’chalag is aineolaiche ’nar measg mi. Theireadh tu rium, “Cha’n eil fios agam có ’dhealbh na ’thog iad, ach tha mi làn chinnteach gu’n do thogadh e le fear-eigin.” Nis, tha thu ceart; ach innis dhomh am faca tu riamh an duine a thog e?—am faca tu an slochd as an tugadh na clachan—an duine a shnaidh iad, a chàraich air muin a chéile iad—am fear a loisg an t-aol, ’s a chuir a’ ghaineamh air fheadh? Am faca tu a’ choille anns an d’fhàs am fiodh—an saor a lochdraich e, a rinn na h-àiteachan-suidhe, a’ chranag, ’s na lobhtachan? Am faca tu am fear a rinn a’ghloinne?—am faca tu an gobhainn a rinn an obair iaruinn? Cha’n fhaca tu a h-aon dhiubh, ach tha thu làn dhearbhta gu’n robh an leithid do dhaoine ann. Tha thu cho cinnteach ’sa tha’n t-anam a’ d’ chom gu’n robh an leithid ann, oir tha thu léirsinn obair an lamhan. Tha sin agad mar dhearbhadh, agns cha’n eil thu ’g iarraidh barrachd. ’Sann direach ’san dòigh cheudna ’tha fios agad gu bheil Dia ann; oir ’s Esan a rinn a’ chreag as an do chladhaicheadh na clachan—’s Esan a rinn a’ choille as an do ghearradh am fiodh—’s Esan a rinn an t-iaruinn as an d’rinnear na tairngnean—’s Esan a rinn a’ chlach-aoil ’s a’ ghaineamh as an d’rinnear a’ ghloinne—’s Esan a rinn an solus ’tha tighinn a stigh air na h-uineagan—’s Esan a rinn na sùilean leis an léir dhuit a solus, a’ chluas leis an éisd thu am ministeir, an inntinn leis an tuig thu e, a’ mheothair leis an cuimhnich thu, agus an teanga leis an aithris thu na tha thu cluinntinn. [TD 127] [Vol. 10. No. 17. p. 7] Cagaran Eireannach. Fhuair mi do m’ leanaban leaba bhlàth Air Craobh na Suain. Fairidh mi thu gu dil ’s gu tlàth Le tàladh duain. Cagaran seinnidh ’n duilleach min Air Craobh na Suain, A dh’ fhuadachadh o m’ luran crion Gach broin ’s gach bruain. Caol-chuairsgein airgid na h-og luain Ni long do m’ ghaol. A shnàmh gu reidh air Muir na Suain Mu ’n cuairt an saogh’l. ’S aig crioch do chuairt feadh reul nan neamh, Bho Mhuir na Suain, Thig thu gu tir am uchd gu sèamh, M’ annsachd is m’ uan! Iadsan a Phaigh. Rob Mac Gille-mhoire, am Beighe ’n Iar. Bean Neill Mhic Leoid, Jubilee P. O. Lachuinn Mac Gille-mhaoil, Loch Ainslie. Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath. Iain Mac Coinnich, Beechmont. Aonghas Domhnullach, Abhainn a Tuath. An t-Urr. D. M. Mac Eamuinn, Sidni. Padruig Mac Gille-mhaoil, Gleann Ainslie. Seumas Mac Aoidh, Beinn a Mharmoir. A. V. Mac Gillebhràth, Seana Bhridgeport Iain M. Domhnullach, Stellarton, N. S. Alasdair D. Domhnullach, Glenroy, N. S. An t-Urr. Iain Siosal, Pictou, N. S. Iain Mac Fhionghain, Allt-a-Bhàillidh, N. S. Iain I. Siosal, Pictou, N. S. Alasdair Sutharlan, Diamond, N. S. Murchadh Mac-a-Ghobha, Belfast, E. P. I. D. Mac Neacail, Commercial Cross, E. P. I. An t-Urr. Donnacha Mac Leoid, Milan, Que Domhnull I. Domhnullach, Milan, Que Murchadh Ros, Montreal, Que Ceit F. Nic Leoid, Peveril, Que Padruig Mac-an-t-Saoir, Presque Isle, Ont. Calum Mac-a-Phi, Belleville, Ont. A. A. Dùghlach, Victoria Mines, Ont. Iain Mac Thearlaich, Ottawa, Ont. R. I. Domhnullach, Bridge End, Ont. Domhnull Mac-a-Ghobha, Duntroon, Ont. Dughall I. Caimbeul, Toronto, Ont. An Senator Cox, Toronto, Ont. Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont. Iain Mac Gille-mhoire, Dunbheagain, Ont. Padruig Crabhart, Mitchell’s Bay, Ont. Iain F . Mac-a-Ghobha, Fort Steele, B. C. An t-Urr. P. R. Cunningham, Bear Lake. Calum I Mac Leoid, Rockport, Mass. Domhnull Calldanach, Butte, Mont. Theodore Napier, Duneideann, Alba. Sop as Gach Seid. Tha na doill na ’s lionmhoire anns an Spainn, an Norway, agus an Eirinn na tha iad ann an dùthaich Eorpach sam bith eile. Anns an Spainn tha da cheud us sia deug as gach ceud mile dhe ’n t-sluagh dall, ann an Norway da cheud us ochd, agus ann an Eirinn ceud ’sa h-aon deug. BAILE GLAN—’S e ’m baile ’s glaine tha air an t-saoghal baile Bhrock, anns an Olaint. Tha ’n sluagh a th’ ann cho glan nan doigh ’s nach fuiling iad uiread us each air na sràidean. Tha da mhile ’s seachd ceud sluaigh ann, agus ’s i ’n obair ris am bheil a mhor chuid dhiubh, a’ deanamh càise. BHA IAD SABHAILTE—Tha easbuig a tha saoithreachadh am measg nan Innseanach anns na Staidean an Iar ag innse na sgeul a leanas: “Bha seirbhis gu bhi agam aon latha faisg air baile beag Innseanach. Bha mi fuireach comhla ris a cheann-fheadhna, agus bha mo chuid aodaich us innsridh eile anns a champ aige. Nuair a bha mi dol a mach, dh’ fheoraich mi dheth am biodh e sàbhailte ’m fàgail ann gus an tillinn o’n t-seirbhis. ‘Bithidh, gu dearbh,’ ars esan; ‘cha ’n eil duine geal na ’s fhaisge na cead mile oirnn!’” LAGH NEONACH—Tha lagh neonach aca anns a’ Ghréig a thaobh daoine bhios air am faotainn ciontach de ghniomh a tha toillteanach air bàs. Nuair a theid duiue dhiteadh, feumaidh da bhliadhna dhol seachad mu ’m bi e air a chur gu bàs. TEINE MOR LUNNUINN—B’ e an teine mor a bha ann an Lunnuinn ’sa bhliadhna 1666, an teine bu sgriosaile bha riamh air an t-saoghail o làithean Shodoim agus Ghomorrah. Bha ceithir mile deug taigh, eadar bheag us mhor, air an losgadh, agus bha ceithir cheud sràid air am fàsachadh. Dh’ fhàgadh da cheud mile pearsa gun dachaidh, agus chailleadh mu mhile beatha. B’ fhiach na chaidh a losgadh uile gu leir da fhichead millein dolair; agus feumar a chuimhneachadh gu robh an uiread sin do dh’ airgeid moran na bu luachmhoire ’san àm sin na tha e an diugh. Ach ged a rinn an teine call, bha e ’na bheannachd mor do ’n bhaile. Bha a phlàigh ann fad àireamh bhliadhnaichean roimhe sin, agus ghlan an teine as i mar nach gabhadh deanamh air doigh sam bith eile. SGEULA-BAIS CZOLGOSZ—Chaidh Leon Czolgosz a chur gu bas a reir binn an lagha, ann am priosan Auburn, N. Y., maduinn Di-màirt s’a chaidh. B’ ann ’sa chathair electric a chuireadh crioch air, oir ’se sin an dòigh bàis a tha lagh staid New York ag òrduchadh. An deigh a bhàis bha a chorp air a losgadh, agus chuireadh a chuid aodaich agus gach ni a bhuineadh dha as an rathad air an dòigh cheudna. Fhad ’sa bha am mortair anns a phriosan, thainig àireamh mhor litrichean ga ionnsuidh leis a phosta, a bharrachd air bascaidean us bocsaichean làn de mheasan, de bhiadh blasda ’s de nithean eile air son a bheatha ’sa phriosan a dheanamh na bu toilichte. Cha robh ni dhiubh sin air a thoirt dha; bha iad air an losgadh, agus mar sin cha’n eil snàithnean aodaich no bideag paipear a bha mu thimchioll ri fhaotainn. Tha luchd cumail a phriosain ag radh na’n rachadh ainmeannan na feadhnach a bha cur nan gibhtean ga ionnsuidh a dheanamh follaiseach gu ’n cuireadh e ioghnadh nach bu bheag air an t-saoghal. SGIORRADH DAGA—Thachair droch sgiorradh ann an Glace Bay Di-domhnaich so chaidh. Bha gille le Iain Mac Neill a cleasachd le daga, agus air do nighinn a bha ’sa choimhearsnachd tighinn a stigh, chaidh e ma b’ fhior a losgadh oirre, an dùil nach robh urchair san daga idir. Ach bha urchair innte, ’s dh’ fhalbh i, agus chaidh am peilear an sàs ann an leth-cheann na h-ighinn, a deanamh leònadh cunnartach oirre. An cùnntas mu dheireadh a fhuair sinne, bha am peilear gun fhaotainn, agus bha an nighean a fulang moran cràidh, ach cha robh eagal sam bith air na lighichean gu ’n rachadh a beatha ann an cunnart. AIMHREIT MHASLACH—Anns na Staidean a Deas, tha droch ghamhlas aig na daoine geala do na daoine dubha, mar a tha iad gu tric a nochdadh. La na Sàbaid s’a chaidh bha aimhreit uamhasach eatorra ann am Balltown, an Louisiana. Bha aon duine geal air a mharbhadh, ’s fhuair dithis eile leòin bhàsmhor; agus bha naodhnar dhe na daoine dubha air am marbhadh, ’s deich no dusan eile air an leònadh cho dona ’s nach tig iad uaithe. Thòisich an aimhreit aig eaglais anns an robh na daoine dubha ag aoradh. B’iad na daoine geala thòisich. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM-CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m.Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto, Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI., - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. [TD 128] [Vol. 10. No. 17. p. 8] Iomram Bean-na-bainnse. LE MRS. K. W. GRANT. FONN—“Piobaireachd Dhomhnuill Duibh.” Dùbh-ghorm an t-iar-chuan Fo ghuirme nan speuran; Gaoth mhor an ear-thuath Le fuar-fhead a’ seideadh; Tonnan a’ luasgadh Fo bhuaireas a’ beucadh; Eoin-mhara luaineach Mu ’n cuairt orra ’g eigheach. Faic, feadh nam bàth-thonn, A’ tearnadh ’s a’ direadh, Bàta ’g a sàruchadh, ’S fhada o thir i! Féitheach na gàirdeana, Calma na daoine ’Tha nis ann an gàbhadh A sireadh a’ chaolais! Faic anns an deireadh, Le a maighdean air chomhlath, Ribhinn nan eileana, Màiri nigh’n Donuil; Air Raonull a h-aire, A dochas a’ traoghadh,— ’Mo thruaigh, bidh ar banais ’Measg ròd agus fhaochag!’ Smiorail na gillean, Is tàireil leo striochdadh, Ach spionnadh na gaillinn Bheir barrachd ’s an stri so: Cho dlùth air a’ mhor-thir, ’An sealladh an càirdean, Gun lùgh tha na h-oig-fhir Air ùrlar a’ bhàta! Ràmh ghlac na h-oighean ’S gach dornag ’n an àite;— “Suas leatha ’Mhorag, A ghràidh!” arsa Màiri: ’Suas i do ’n chamus Air bharra nam bàirlinn!— Sàbhailt ’s a chala Tha Raonull is Màiri! Choisinn an t-òran so an duais a b’ àirde bha air a toirt seachad air son bàrdachd Ghàilig aig Mòd a’ Chomuinn Ghàidhealaich, air a mhios a dh’ fhalbh. Maduinn Earraich. LE NIALL ROS. Nach aoidheil tiorail fuaim nam fras An doire chaoil nan geug; Gach boinne min a tuiteam bras Le lainnir lith nan leug, Ag uisgeachadh nam meanglan og’, ’S ’g an tabhairt beo bho ’n eug. Bi iomradh buan aig fuinn is dàin Mu sgèimh nan earrach ùr; Mu ’n neoinean bheag, ’s mu ’n t-sobhraich bhàin, Le ’n cuailean làn gun smùr; Mu bhrog-na-cuthaig feadh nam bruach, ’S mu dhochas cluain nam flùr. Tha bith na beatha ’briosgadh beo An tos an earraich nuaidh; Tha blàths na gréin ag aiseag deo Do ’n talamh reodhta, chruaidh, ’Sa claoidh nan sian gun dreach gun loinn, A thug a’ choill fodh bhuaidh. Nach sunndach mireag lùthmhor, luath Nan uan air srath an fheoir; A cluich ’s a gleachd le gean gun fhuath, A chionn gu ’n d’ fhuair iad treoir, Bho àrach fial a’ bhainne bhlàth; ’S am màthraichean ’n an coir. Tha ’n spreidh a direadh slios nam beann ’S am buachaille ri ’n ceum; Oir ghabh iad frith nan àrd fo ’n ceann Is ghabh iad cead le ’n geum De ’n àlach shios an gleann nan lòn, Laoidh oga ’ruith ’s a leum. Nach tùrail a ni eoin nan speur An nid fodh sgàil nam bruach; Tha cannach, cointeach agus feur, Cho grinn an dlùths nan cuach, Gu seomraichean do ’n teaghlach og, A chunntair mor an luach. Tha ’n t-seisreach bheartaichte ’s a chluain A treabhadh fod an fhuinn; Gu direach, reidh, mar thuinn a’ chuain, Tha ’n talamh dearg fo ’m buinn; Tha ’n fhaoilinn bhàn, is breac-an-t-sil A leantuinn sgriob a’ chroinn. Mar cheol am bruadar sèimh nam bàrd, Tha torman tiorail, binn Nan allt o shliabh nam fireach àrd A tearnadh troimh na glinn; Is lainnir eisg, air fiamh an oir, Fodh scorr nan glunag cruinn. Mar chrùn nan seud is àille snuadh A sgeadaich ceann an righ, ’S a’ mhaduinn seolaidh ceo nan stuadh Air tulaich fhuair nam frith, Mar choron boillsgeach anns a’ ghrein, No leug is boidh’che lith. Cia sgiamhach lùb a’ bhogha-frois Buan-earlas grinn na bàigh; Gach dath ’na chuairt mu leud na bois; Tha ’ghlaic tharr bheinn is tràigh; ’S an gorm nan speur tha loinn a sgèimh Mar phaidir neamhnuid àigh. Is ghleus an uiseag luinneag shuas Feadh bogha-frois nan neul; A h-oran thug fo chis mo chluas, Oir bha i nuadh ’n a sgeul; Is chuir i solas ’n a mo chridh’ Le righ nam port-a-beul. Tha cuimhne throm nam bliadhn’ a dh’ fhalbh A toirt nan deur gu m’ ghruaidh; Tha ’n dochas àrd nach fuirich balbh A lasadh eud na buaidh; Tha bith na beatha ’briosgadh beo An tos an earraich nuaidh. Thug Comunn Catach Ghlascho seachad tri duaisean air son nan tri òrain a b’ fhearr a rachadh a dheanamh do Mhaduinn Earraich, agus ’se so an t-òran a choisinn an duais a b’ àirde. Cha b’e so idir a cheud duais a fhuair an t-ùghdar; tha ainm ri fhaicinn am measg luchd-cosnaidh nan duaisean aig a Mhòd na h-uile bliadhna. Buinidh e do “Eilean gorm a Cheò,” agus mar sin cha ’n ioghnadh ged a bhiodh tomhas mor de spiorad na bàrdachd aige. Fhleasgaich Uir, Leanainn Thu. SEISD— Fhleasgaich ùir, leanainn thù, Fhir a’ chùil bhoidhich; Fhleasgaich ùir, leanainn thù. ’S mi gu ’n rachadh ad choinnimh, Air mo bhonnaibh gun bhrogan. Fhleasgaich ùir, &c Air bonnadh mo chasan, Ged bhiodh clachan ga’n stroiceadh. Ged bhiodh reothadh ro chruaidh ann, ’S sneachda fuar air a’ mhointich. Fhir nan camagan donna, Rinn mi coinneamh gle og riut. Fhir nan calpa geal, gasda, Tharruinn d’ astair troimh ’n mhointich. Fuil a ’bhruic air do léine, ’ S fuil an fhéidh air do chota. Fuil an laoigh bhric, bhallaich, Mar bhannaibh mu d’ dhornaibh. ’S mi gu ’n siùbhladh Gleann Rao’ill leat, Agus da thaobh Loch Lòchaidh. Dh’ fhalbhainn air muir no ait’ tir leat, Gu ruig crioch na Roinn-Eorpa. Ged nach mò leat mi ’m bliadhna, ’S tric a dh’ iarr thu mo phog orm. Cha bhi mi ga d’ chàineadh Gar an dàn dhomh do phosadh. Ach guidheam gu slàn thu Gach là fhad ’s is beo mi. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. NUAIR A BHIOS TU.... ag uidheamachadh taighe tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinn ’s is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhe—coig piosan—air $35.00. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manger, Charlotte St. Bathar Teine. Bathar a chaidh a shabhaladh o’n teine—iomadh seorsa—beagan dhe na h-uile rud. Bidh e air a chreic Saor, Saor!! Tha aireamh de dheiseachan ’s de chotaichean-uachdair againn a fhreagras air daoine mora. Tha iad againn cho ard ri No. 44. Mills, MacKenzie & Ross. Air an t-Seann Laraich. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas: [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 129] [Vol. 10. No. 18. p. 1] MAC-TALLA “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 15, 1901. No. 18. Facal do na Mnathan Posda. LITIR IX. FHIR MO CHRIDHE—Tha e coltach gu bheil na litrichean a tha mi sgriobhadh ugaibh o àm gu àm, air an leughadh le mor aire air feadh gach cearn de ’n dùthaich. Tha e coltach mar an ceudna gu bheil cuid de na fir-phòsda a’ gabhail fadachd nach ’eil mi ’toirt ruith chàinidh air an cuid ban. Bu mhiann leam gu ’n tuigeadh na fir so nach ’eil mi a’ càineadh duine sam bith. Tha mi comharrachadh a mach an uilc, agus toirt comhairle na corach air gach neach ris am bheil mi labhairt. Tha dealachadh mor eadar a bhith ’toirt comhairle seachad agus a bhith càineadh muinntir. Aon ni a th’ agam ri ràdh riutha their mi riutha e ann an clar an aodainn. Tha ’n cuid fhein de ’n fhìrinn a feitheamh air na fir-phòsda. Cha ruig iad a leas a bhith ’n dùil gu bheil iad saor o mhearachd. ’S iad nach ’eil. Tha ’n cuid fhein aca de na bheil a dh’ olc a’ dol cho math s’ a th’ aig muinntir eile. Tha aon ni a dh’ fheumas mi thoirt air aghaidh anns an litir so, is e sin gu bheil cuid de na fir a tha ’gearain air an cuid ban. Ma tha gus nach ’eil aobhar aca air a bhith deanamh so tha iad ris. Is math leam fhein a bhith ann an reite ris na mnathan, oir is e te dhiubh aon neach a b’ fhearr dhomh, ’s bu mho a rinn air mo shon a sheas ann am bròig. Cha ’n ’eil e ’na chomharradh math air muinntir an uair a dh’ fheumar a bhith g’ am brosnachadh an drasda ’s a rithist a chum gu ’n dian iad an dleasdanais do chàch a chéile. Ciod sam bith doigh air an d’ fhuaradh a mach co mise, sgriobh dithis no triuir a’ m’ ionnsuidh ag iarraidh orm iomradh a thoirt air mar a bha na mnathan a’ cur dragh orra. Chuir dithis litrichean a’ m’ ionnsuidh, agus dh’ iarr iad orm an cur ’s a’ phaipeir. O ’n tha mi meas nach ’eil e chum cron sam bith na litrichean so a dheanamh aithnichte, tha mi nis g’ an cur do ’r n-ionnsuidh. Tha cheud fhear dhiubh a’ gearain gu ’n d’ fhàs a bhean coma dhith fhéin o ’n a phòs e i. Tha toil aige an litir a chur ’s a’ phaipeir facal air an fhacal, agus ’na ainm fhéin. So agaibh i:— “FHIR A’ PHAIPEIR,—’S ann agam fhéin a tha ’n aon bhean a’s fhearr a bh’ aig duine riamh. Tha i modhail, umhail, glic, ciallach, deanadach gu leor. Cha chualas i riamh a’ trod ri nàbuidh no ri ban-nàbuidh. Cha mho chithear air chéilidh nan tighean i. Nach ’eil sin math? Tha; ach tha aon chron agam oirre, agus cha ’n urrainn mi gu ’n innse dhuit; ’s e sin, cha ’n ’eil i ga cumail fhéin cho grinn, glan, sgiobalta’s bu mhath leam. Cha robh sinn leth bhliadhna pòsda ’nuair a chunnaic mi gu ’n d’ fhàs i car mi-chùramach mu i-fhéin a chumail cho glan, sgiobalta ’s bu choir do mhnaoi òig an tus a pisich a bhith. Bha leisge orm teannadh ri gearain oirre cho tràth, agus cha do leig mi dad orm. Coma leat, cha b’ ann a dol na b’ fhearr a bha cùisean an uair a fhuair sinn pàisde. Bhiodh i ’n comhnuidh ag obair air feadh an tighe ach an uair a bhiodh am pàisde na ’h-uchd. Bha so a’ toirt orm fuireach sàmhach. Mu dheireadh, ruith m’ fhoighidin a mach gu buileach ’s cha b’ urrainn mi cumail orm na b’ fhaide. Thairg mi ’n aire a thoirt do ’n phàisde fhad ’s a bhiodh i ’cur boiseag air a h-aodann, agus a’ toirt sgriob dhe ’n chìr air a ceann, air eagal gu ’n teannadh na coimhearsnaich ri bruidhinn oirre. Dh’ eisdeadh i gu bog, sàmhach rium, ach bhiodh i mar a bha i roimhe. Bha i riamh cho coir na nàdur ’s nach leigeadh mo chridhe leam gròcadh oirre, ged a bha fios agam nach robh i ’toirt sgriob dhe ’n chìr air a logaidh o Dhi-luain gu Di-sathairne. A’ dh’ innse na firinn bha e ’na bhriseadh air mo spiorad a bhith g’a faicinn an uair a thiginn dhachaidh am beul an anamoich ’s an droch logaidh ud oirre. Mhaoidh mi o chionn tri bliadhna gu ’n cuirinn a’ phaipear i mar a cumadh i i-fhéin an òrdugh mar a bha i deanamh mu ’n do phòs sinn. Ghabh i ’n t-eagal an uair sin, agus ghrios i rium gun mi a dheanamh sid air na chunnaic mi riamh, agus gu ’n deanadh ise a dichioll air mo chomhairle a ghabhail. Thug mi dàil dhi, ach tha ise mar a bha i ’n uiridh. Dé nis a ni mi? Direach an rud a tha mi deanamh—a h-ainm a chur ’s a’ phaipear. Nam faiceadh tusa i sid mu ’n do phòs mise i. Cha chuireadh tu do lamhan gun nighe innte. A gheamhradh ’s do shamhradh, moch is anamoch, is meadhon latha, no ge b’ e air bith uair a chithinn-sa thusa, a Mhairi; bhiodh do logaidh-sa ’cheart cho sleamhuinn ri botul! Bha duil agam an uair sin nach dealaicheadh an grinneas, agus a ghlainne, agus an sgiobaltachd rithe gus an tugadh a ceann snag. Saoil thu nach ’eil eagal orm gu ’m bi an nighean a’s sine a th’ agam—aois choig bliadhna—seachd uairean ni’s miosa na ’màthair. Ma dh’ fhaoidte an uair a thig mi dhachaidh o m’ obair ’s an fheasgar gu ’n tachair i orm aig an dorus le a ceann mor crasgach gun chìreadh. ’S ann a chuireas a ceann iomadh uair a’ m’ chuimhne a’ mhapaid a chunnaic mi aig an t-saor mhor a’ tearradh nam bàtaichean iasgaich! Ma chuireas am Freasdal teaghlach nighean a’ m’ luibsa, agus gu ’m bi iad uile na ’m mapaidean ’s docha nach fhaigh mi bhar mo lamh gu brath iad. “Nis, cuiridh tu a h-uile lideadh dhe so ’s a phaipear. Ach air na chunnaic thu riamh na cuir m’ ainm sa aig bonn na litreach. Ma chuireas ’s docha, cho ciùin, seimh ’s gu robh Mairi riamh o ’n chuir mise eolas oirre, gu ’n gabh i seachd leumanan dhe ’n chuthach. ‘Is minic a thainig muir mhor á plumanaich.’ Tuigidh i gur i fhein a th’ ann, ach o nach tuig muinntir eile cha ghabh i cho olc e. Ma leughas i so leigidh mi fios ugad. O ’s ann ri radh riutsa e, tha té no dha de ’leithidean Mairi agamsa ’s a’ h-uile baile ’s dùthaich.—D’ fhior charaid, CALUM.” Tha ’m fear eile a sgriobh ugam a’ gearain gu trom gu bheil a bhean aige air fàs anabarrach crosda o phòs iad. So an litir a chuir e ugam:— A BHODAICH, A LAOCHAIN,—Is math a gheibhear aig a’ pheann thu. B’ fhearr leam fhin na bonn-a-sia agus toll ann gu ’n deanainn sgriobhadh cho math riut. Nan deanadh, ’s mise chuireadh an litir mhor, fhada thun a’ phaipeir mu ’n dòigh a th’ aig Anna o chionn ’dol a nis ’s an da bhliadhna. Nam biodh tu cho math ’s an litir so eile a chur do ’n phaipeir air mo son fhin, bhithinn anabarrach fada ’n ad’ chomain. Mur ’eil na facail air an litreachadh mar is coir dhaibh, cuiridh tu fhein ceart iad. Abair ri fear a’ phaipeir, o ’n is aithne dhuit e, nach ’eil diog anns an litir ach an dul fhirinn, agus gu seas mise ris a h-uile diog dheth ged a chuirte air mo mhionnan mi. Nis, ma chuireas tu ’n litir gu fear a’ phaipeir ann am ainm fhin mar tha mi ’g iarraidh ort bheir mi dhuit ceannach.—Is mi, ceann nan croisean, FIONNLADH. “Gob-an-rudha, Latha Fheill-Micheil.” “FHIR A’ PHAIPEIR,—Tha mi airson innse dhuibh gu bheil mi gle neo-fhoiseil ’nam inntinn o chionn iomadh latha. Mar nach d’ iarr am fortan orm thòisich mi ri deanamh suas ri Anna o chionn choig bliadhna. Ged is mor am facal ri ràdh e, cha robh te eile eadar da cheann na sgìreachd, agus, ged a theirinn e, eadar da cheann na dùthcha, cho eireachdail rithe an uair a chuir mi eolas oirre ’n toiseach. Agus, gus an fhìrinn a ràdh, cha ’n fhaicinn bean a dreach, tha mi smaointean, ged a shiubhlainn a h-uile sgriob eadar Taigh Iain Ghròt agus Maol-Chinntire. O ’n latha chuir mi eolas oirre ’n toiseach gus an d’ fhuair mi air dheas laimh i le òrdugh na cleire cha robh moran foise aig m’ inntinn. Bha ’n cridhe air chrith agam air eagal gu faigheadh fear eile greim oirre. Is iomadh oidhche dhorcha a bha mi muigh gu fliuch, fuar air a tàilleamh. Is iomadh lon agus lodan as an do chuir mi steall, a’ falbh mar gu ’m biodh cas-shiubhail-an-t-sleibhe ann, coig mìle tarsuinn a’ mhonaidh da uair ’s an t-seachdain ga faicinn. Agus an uair a gheibhinn, mar is minic a fhuair, tiotadh dhe ’comhradh taitneach aig taobh an teine, no aig an dorus an àm a bhith fagail slàn aice, dh’ fhalbhainn cho sunndach ’s cho lugha sgios ri mac màthar a bha eadar da cheann na dùthcha. Thuirt neach is neach rium gu robh i car cas, crosda, ach cha tugainn geill sam bith do ’m briathran. B’ e mo bheachd nach robh annta ach luchd-tuaileis a bh’ air son cur eadrainn. Coma co-dhiu, phòs sinn, agus bha banais mhor, eibhinn, aighearach againn. Ach cha robh sinn fada pòsda an uair a leig Anna an cat as a’ phoca. An uair a ghabhadh i ’chaiseanachd shaoileadh sibh gu rachadh i ’na sradaidhean a mach air an luidheir. Tha i, mar a tha fhios aig na coimhearsnaich, a cheart cho cas ri mac Iain Chaim. Ciod e th’ agam air ach gu feum mi bhith cho umhail dhi ris an luchaig fo spògan a’ chait. Cha do throid sinn riamh fhathast, ’se sin, cha do throid mise rithe-se ged is iomadh uair a throid ise riumsa. Tha mi fhein gu nadurra an geall air an t sith. Is beag orm fir is mnathan a bhith ’g itheadh ’s a’ clamhadh a cheile. Bha i sid latha ’deanamh an ime (agus gu cinnteach tha ’n t-urram aice gu sin a dheanamh), agus thachair nach deachaidh gach m leatha cho math ’s a b’ àbhaist. An uair a thainig mi dhachaidh anns an fheasgar dh’ aithnich mi air a cheud shealladh a chunnaic mi dhi gu ’m b’ fhearr dhomh an aire mhath a thoirt ciod a theirinn ’s a dheanainn. Coma leat, thraogh i as an fheirg, agus mu ’n deachaidh sinn a laidhe shaoileadh neach sam bith nach fhaca riamh i gur i aon te cho ciùin, ceanalta ’s a [TD 130] [Vol. 10. No. 18. p. 2] gheibhte eadar da cheann na dùthcha. Thuirt mi fhein as mo ghuth taimh, ‘Anna, a ghràidh nam ban, nach neonach leam thu fhein a bhith cho cas ’s a tha thu. Nach mor a b’ fhearr dhuit a bhith siobhalta, ciùin, caoimhneil riumsa, mar a bha thu mu ’n do phòs sinn. Nan robh fhios agam gu robh thu cho cas ’s a tha thu cha do phòs mi fhathast thu. An ainm an fhortain cuir stamhnadh air do theangaidh, air neo mur cuir “bithidh sinn le cheile ainmeil anns an dùthaich.’ Ciod a tha agam air ach gu ’n do theab i m’ ithe beò. Ghabh i leithid de bhrath orm a nis ’s nach ’eil rathad agam air m’ àite fhein a sheasamh ni ’s fhaide ann am thaigh fhein. Ge b’ e air bith ni a chuireas dragh oirre ’s ann ormsa a tha i g’a dhioghladh. Nan robh fios agam ciod an doigh air an gabhadh a chaiseanachd toirt aisde, dh’ fheuchainn an doigh sin; ach cha ’n ’eil sin agam. Faodaidh e bhith gu bheil fear is fear eile a’ fulang a cheart ni a tha cur dragha ormsa. Ma tha, agus gu ’n d’ fhuair iad leigheas air a’ ghalar leigeadh iad fios ugamsa, agus bidh mi ’nan comain ri m’ bheò.—Is mi chulaidh-thruais, “FIONNLADH MAC——.” A reir coltais tha ’n duine bochd so air a chur thuige gu mor le crosdachd na mna, ach tha eagal orm nach ruig e leas dùil a bhith aige ri chaochladh fhad ’s is beò e. Nan do chum e fo smachd i an uair a phòs iad, ma dh’ fhaoidte gu robh e ’n diugh mar nach ’eil e. Tha eagal orm gu ’n d’ fhuair i tuilleadh ’s a’ choir de ’toil fhein anns a’ cheud dol a mach. Mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh;— “An leann a rinn thu g’ ad dheoin Ol do leor g’ ad aindeoin deth.” Is mi, &c., BODACHAN A’ GHARAIDH. A’ Chathair Fhalamh. (Eadar-theangaichte o’n Bheurla le IAIN). CAIB. II. C’ AIT’ am bheil Tomas, a Sheonaid?” arsa Padraig; “am faca h-aon dhibh e?” Agus, gun fheitheamh ri freagairt fhaotainn, thuirt e, “Cia mar a tha e comasach gu ’m biodh e air falbh aig a’ leithid so a dh’ àm? Agus air a leithid so a latha cuideachd? Gabhaibh mo leithsgeul, a chàirdean, car beagan mhionaidean gus an toir mi ceum am mach feuch am faic mi e. Riamh o ’n a thòisich mi ri cumail an latha so, mar a tha fhios aig gu leor dhibh, bhiodh e ’n comhnuidh ’na shuidhe aig mo dheas laimh anns a’ cheart chathair so; agus cha ’n urrainn mi smaointean gur còir dhuinn tòiseachadh ri ar dinnear fhad ’s a chi mi a’ chathair falamh.” “Mur ’eil a dh’ fhuireach oirbh gun tòiseachadh ach duine ’shuidhe anns a’ chathair, suidhidh mise innte gus an tig Tomas,” arsa cabairneach de thuathanach òg do ’m b’ ainm Mac Iain. “Cha ’n ’eil thu fhathast ’nad athair, a dhuine òig,” arsa Padraig ’s e ’falbh am mach as an t-seòmar. Chaidh mionaid an deigh mionaid seachad, ach cha robh Padraig a’ tilleadh. Thòisich na h-aoidhean ri fàs acrach, feargach, gruamach, am feadh ’s a bha ’n deadh dhinnear air a’ bhòrd mu ’n coinneamh ’s i ’dol o fheum. Bha bean Phadraig, agus i ’na boirionnach cho math nàdar ’s a b’ urrainn a bhith, a’ feuchainn mar a b’ fhearr a b’ urrainn i ris an ùine chur seachad cho taitneach ’s a ghabhadh deanamh, a chum na h-aoidhean a chumail o ghabhail fadachd, agus o fhàs ro mhi-thoilichte. “Tha Padraig cho dona ri Tomas fhein,” ars’ ise, “an uair a chaidh e mach air a thòir agus fios aige gu ’n rachadh an dinnear a dholaidh. Is math a bha fhios aig Tomas gu ’m biodh i deiseil aig an uair gun mhionaid air no dheth. Cha ’n ’eil e mothachail no caoimhneil dhaibh a bhith ’cumail dhaoine ’gam feitheamh air an doigh so. Sheall i air nighinn òig dhreachair mu aois sheachd bliadhna deug a bha ’na suidhe ri taobh, agus dh’ fheoraich i dhi am fac’ i Tomas. Dh’ fhàs aghaidh na h-ighinn dearg. Thug a’ cheisd fuasgladh do na deòir a bha ’cruinneachadh ’na sùilean,—na h-aon sùilean bu bhriagha a bh’ anns an t-seòmar,—agus fhreagair i gu beag, agus thuirt i “Cha ’n fhaca.” Cha chuala duine dhe na bh’ anns an t-seòmar ciod a thubhairt i ach bean Phadraig. Chuir i aon an deigh aon de ’n chloinn a dh’ amharc am mach feuch am faiceadh no ’n cluinneadh iad an athair no am bràthair a’ tighinn; ach cha robh iad ri ’m faicinn no ri ’n cluinntinn. Cha robh ri chluinntinn ach fuaim is osnaich throm na gaoithe. Chaidh uair an deigh uair seachad, ach cha d’ thainig Tomas no Padraig. Thug bean Phadraig an aire mu dheireadh gu ’n robh cuid dhe na h-aoidhean bu mhò asda fhein a’ bagradh falbh dhachaidh, agus thuirt i nach b’ urrainn i thuigsinn ciod a bha ’cumail Thomais agus ’athar air falbh cho fada, agus nach d’ rinn iad a leithid riamh roimhe. Cha robh fhios aice, thuirt i, cia mar a ghabhadh i an leithsgeul ris na h-aoidhean air son mar a rinn iad orra; ach o ’n a bha ’n ùine dol seachad, ghuidh i orra tòiseachadh ri gabhail a’ bhìdh gun tuilleadh dàlach. An uair a chuala na h-aoidhean so, cha d’ iarr iad an dara cuireadh. Thainig coltas aoidh orra gu léir, agus thoisich gach feòil is sithionn, agus gach biadh math eile a bh’ air a’ bhòrd ri dhol as an t-sealladh gu luath. Fad ùine glé ghoirid bha bean Phadraig mar gu ’m biodh i air am bròn ’s an smuairinn a bh’ air a cridhe a leigeadh air dichuimhn. Ach bha osnaich na h-ighinn òig a bh’ aig a h-uilinn ’g a cur fo chùram. Thug i sùil air ceann shuas a’ bhùird, agus thug i an aire gu ’n robh na cathraichean air am biodh Padraig is Tomas ’nan suidhe falamh. Thuit a cridhe gu trom an taobh a staigh dhi; dhùisg gràdh na màthar ro laidir ’na cridhe. Dh’ éirich i o ’n bhòrd, agus thuirt i ’s i coiseachd gu cabhagach thun an doruis, “Ciod air an t-saoghal is ciall da so?” Thachair Padraig rithe am muigh aig an dorus. “C’ ait an robh thu, Phadraig? Am fac’ thu Tomas idir?” “Cha ’n fhaca, cha ’n fhaca. An d’ thainig e fhathast idir?” Thug e sùil mhuladach rathad a’ bhùird, agus an uair a chunnaic e a’ chathair fhalamh, chaidh a bhilean air chrith, agus stad a theanga na bheul, agus cha robh e ’n comas dha facal a ràdh. Mu dheireadh thuirt e, “Gu ’n tugadh Ni Math mathanas dhomh! agus a leithid so de latha cha ’n iarrainn mo nàmhaid a bhith muigh ris! Bha mi shìos is shuas anns gach àite anns an saoilinn am bitheadh e, ach cha ’n fhaca ’s cha chuala duine beò guth no iomradh m’ a dheidhinn. Gabhaidh sibh mo leithsgeil, a nàbuidhean. Feumaidh mi bhith falbh a rithist, oir cha ’n urrainn mi fois a ghabhail,” ars’ esan ’s e gabhail am mach as an taigh. Am measg na cuideachd bha Sasunnach do ’m b’ ainm Adam Bell. An uair a chunnaic e mar a bha cùisean, thuirt e, “Tha mise ’tuigsinn orm fhin, a chàirdean, gu ’m bheil cridhe athar a cheart cho furasda ghortachadh ri clach na sùl, agus tha mi ’smaointean gu ’m bu chòir dhuinn ar co-fhaireachadh agus ar meas a nochdadh do ar deagh nàbuidh le grad fhalbh le ar cuid each g’a chuideachadh a dh’ iarraidh a mhic. Oir, a reir mo bharail-sa, feumaidh gur e ni eiginn neo-chumanta a tha ’cumail Thomais gun a bhith an so maide ruinn. Tha fhios againn nach b’ e olc sam bith a bh’ ann fhein a thug air falbh e. Cha ’n ’eil mealladh sam bith ann ar beanntan ann an rathad eile. A bharrachd air sin, tha ’n stoirm mhor ann,” ars’ esan ’s e labhairt gu beag. Thoisich bean Phadraig ri fàsgadh nan dòrn, agus thuirt i, “Oh! bha mi ag aithneachadh o chionn iomadh latha gu ’n robh so gu tighinn orm. Bha mo cheann ’na thuaindealaich le sonas, ach bha smaointeanan a’ tighinn orm gun fhios domh mar gu ’n tigeadh spioradan, agus bha faireachdainean ag eirigh ’nam chridhe nach robh mi ’tuigsinn; ach tha mi ’gan tuigsinn a nis! Tha Tomas, mo ghradh-sa, aobhar uaill mo chridhe, agus ceud chuideachadh mo theaghlaich—air a chall—air a chall dhomhsa gu bràth!” “Tha fhios agamsa, a bhean Phadraig,” ars’ Adam Bell, “gu ’m bheil e furasda gu leòr do dhaoine nach d’ fhairich bròn comhairle a thoirt air daoine eile iad a bhith foighidneach. Ach aig a’ cheart àm, tha sluagh mar a tha sinne glé bhuailteach air am beachd a’s miosa a ghabhail air a h-uile mi-fhortan a thig ’nar rathad. Chuala mi m’ athair iomadh uair ag ràdh, agus thug mi fhin an aire dha gu math tric, gu ’m bheil rudeigin neo-ghnàthach a’ tighinn gu cridhe ’s gu inntinn dhaoine, mar gu ’n tigeadh neul eadar sinn ’s a’ ghrian, an uair a tha tubaistean gu tachairt ruinn. Tha e mar gu ’m biodh guth balbh a’ tighinn do ’r n-ionnsuidh as an t-saoghal eile. Agus ged a tha dòchas agam nach ’eil tubaist sam bith gu tighinn an rathad an taighe so, gidheadh, mar a thuirt sibhse, an uair a gheibh mise mo cheann a’ fàs aotrom, mar gu ’m b’ eadh, le sòlas, cuimhnichidh mi air na briathran a chuala mi gu math tric aig mo mhàthair, a bhean bhochd. ‘A chlann, a chlann,’ theireadh i, ‘tha tuilleadh ’s a’ chòir de sheinn ’nur cinn a’ nochd: thig fras oirnn roimh àm cadail.’ Agus cha ’n fhaca mi riamh o rugadh mi a’ chùis air atharrachadh.” Nam b’ e àm sam bith eile bhiodh ann, dh’ eisdeadh a chuideachd gu foighidneach ris na bh’ aig Adam Bell ri ràdh mu na faireachaidhean a tha daoine ’faotainn, agus bheireadh iad greis air labhairt mu gach bruadar agus manadh agus faireachadh a chunnaic iad gu léir, agus a bha air an aithris a nuas o linn gu linn leis na daoine o ’n d’ thàinig iad. Ach anns an àm bha iad a’ cur an comhairle ri chéile a thaobh ciod na rathaidean bu chòir dhaibh a ghabhail a’ dol air thòir Thomais. An ùine ghearr bha dà mharcaiche dheug, agus sianar no seachdnar dha ’n cois, air falbh air thòir Thomais. Ghabh iad caochladh rathaidean. Bha ’n oidhche air tuiteam an uair a dh’ fhalbh iad, agus bha coltas gu ’m biodh an oidhche gu math fliuch agus dorcha. Bha na mnathan agus na h-igheanan aig na fir a dh’ fhalbh air thòir Thomais a staigh a’ cumail cuideachd ri bean Phadraig. Bhiodh i an darna h-uair a’ teannachadh na cloinne ri a h-uchd ’s iad a’ caoineadh gu goirt, agus an uair eile bhiodh i ag iarraidh orra fuireach samhach, agus nach biodh fada gus an tigeadh am bràthair dhachaidh. Aig a cheart àm bhiodh na deòir a’ sruthadh sios le a gruaidhean fhein, agus bha an leanabh a bha ’na h-uchd a’ caoineadh a chionn gu ’n robh a mhàthair a’ caoineadh. Bha na càirdean gu léir a’ deanamh na b’ urrainn daibh a chum misneach a thoirt dhi, agus na’n deanadh comhradh deas-bhriathrach agus comhairlean glice feum anns an àm, bha am pailteas aicese dhiubh. [TD 131] [Vol. 10. No. 18. p. 3] Ach bha aon ’nam measg nach dubhairt aon fhacal. B’ i so Ealasaid, nighean Adam Bell, a bha ’na suidhe aig a’ bhòrd aig an dinnear ri taobh bean an taighe. Bha i aig an àm so ’na suidhe ann an oisinn leatha fhein, agus a neapaiginn ri a sùilean ’s i ’caoidh gu trom; agus an dràsta ’s a rithist dheanadh i osna a chluinnteadh air feadh an t-seòmair gu léir, agus bha mhuinntir òg a bha staigh a’ bruidhinn m’ a deidhinn eatorra fhein. Chaidh bean an taighe far an robh i, agus an uair a rug i air laimh oirre gu teò-chridheach ’na dà laimh, thuirt i, “Oh cheisd! a cheisd! tha d’ osnaich a’ dol troimh m’ chridhe mar gu ’m biodh sgian ann! Agus ciod is urrainn domhsa a dheanamh a chum comhfhurtachd a thoirt dhut? So, so, Ealasaid, mo ghràdh bòidheach, cumamaid suas ar cridhe agus biodh dòchas laidir againn. Tha thu ’faicinn màthair bhrònach mil do choinneamh! màthair aig an robh dòchas làidir gu ’m faiceadh i thusa agus—cha ’n urrainn mi bruidhinn air!—is olc is aithhe dhomh comhfhurtachd a thoirt seachad, an uair a tha mo chridhe fhìn coltach ri amhuinn! Ach oh! feuchamaid ris na briathran beannaichte so a chumail ’nar cuimhne, ‘An ti a ghràdhaichear leis an Tighearna, smachdaichidh e e.’ Agus biomaid a’ guidhe gu ’n tugadh Dia dhuinn neart gus a ràdh, ‘Do thoil biodh deante.’” (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. VI. AN uair a thainig Abou Hasan as a’ chlosaid threoraich Mesrour e do sheomar maiseach far an robh gach seorsa bidh a b’ fhearr na cheile ann am pailteas air a’ bhord. Aig a’ cheart am thoisich an luchd-seinn agus an luchd-ciuil ri seinn ’s ri cluich air a leithid de dhoigh ’s gu ’n robh gairdeachas mor air. Cha robh fhios aige ciod a theireadh no ’dheanamh e. “Ma ’s e bruadar a tha ’n so, is e bruadar gle fhada ’th’ ann,” ars’ esan. “Ach cha ’n e bruadar a th’ ann, idir; oir tha mi ’faicinn ’s a’ faireachadh, a’ coiseachd agus a’ cluinntinn, agus a’ bruidhinn gu reusanta. Ciod sam bith rud a th’ ann, tha mi ’cur m’ earbsa ann an Dia. Ach an deigh a h-uile rud, cha ’n urrainn mi gun a bhith ’creidsinn gur mi Ceannard nan Creidmheach, oir cha ’n urrainn neach sam bith eile a bhith air a chuartachadh le leithid so de ghreadhnachas. Tha’n t-urram agus am meas a tha mi ’faotainn, agus an umhlachd a tha iad a’ toirt do gach aithne a tha mi ’toirt seachad, a’ dearbhadh so dhomh gu soilleir.” A dh’ aon fhacal, bha Abou Hasan a’ creidsinn gu ’m b’ e fhein Ceannard nan Creidmheach. Agus bha e lan-chinnteach as an uair a chaidh e steach do ’n talla mhor, mhaiseach a bha air a dheanamh cho eireachdail le uisg’ oir, agus le lith de dh’ iomadh seorsa dath. Bha seachd buidhnicheadh de mhnathan ciuil bu mhaisiche na cheile ’nan seasamh mor-thimchioll an talla, agus bha seachd geugan oir an crochadh ri mullach an talla, agus iad air an dath gu h-innleachdach le or agus le gorm. Ann am meadhain an talla bha bord mor air an robh aireamh mhor de mhiosan agus de thrinnsearan oir, agus bha faileadh cubhraidh an spiosraidh a bha air a’ bhiadh a bh’ air a’ bhord a’ lionadh an talla. Bha seachdnar de mhnathan-uaisle oga a bha anabarrach maiseach, agus a bha comhdaichte le eideadh iomadh dath a bha anabarrach riomhach, ’nan seasamh mor-thimchioll a’ bhuird agus guite ann an laimh gach te dhiubh gus a bhith ’toirt fionnachd do Abou Hasan fhad ’s a bhiodh e ’gabhail a dhinneireach. Ma bha duine riamh air a lionadh le mor-thoileachadh, b’ e Abou Hasan an duine sin an uair a chaidh e steach do ’n talla. A h-uile ceum a dheanadh e, stadadh e gus beachd a ghabhail le mor-ioghnadh air na nithean maiseach a bha f’a chomhair. Shealladh e air gach taobh dheth air a shocair fhein; agus thug so toileachadh gu leor do ’n righ, a bha ann an seomar beag falaich a’ faicinn a h-uile car a bha e ’cur dheth. Mu dheireadh shuidh e aig a’ bhord, agus ghrad thoisich na mnathan-uaisle ri fionnachd a thoirt dha leis na guiteachan. Sheall e air te an deigh te dhiubh, agus thaitinn an doigh a bh’ aca gle mhor ris. Thuirt e riutha, agus fiamh gaire air a ghnuis, gu ’m foghnadh aon te dhiubh a bhith ’toirt fionnarachd dha, agus gu ’m b’ fhearr do ’n t-siathnar eile suidh’ aig a’ bhord comhladh ris, triuir air a laimh dheis, agus triuir air a laimh chli. Agus o ’n a bha ’m bord cruinn, chuir e ’nan suidh’ iad air dhoigh gu ’m faiceadh e gun, ach gann, a cheann a thionndadh a null no ’nall, a h-uile te dhiubh. Ged a shuidh an t-sianar mhnathan-uaisle aig a’ bhord air a chomhairle, mar chomharradh air an urram a bha iad a’ toirt dha, cha robh iad a’ blasad air a’ bhiadh. An uair a chunnaic e so, thoisich e ri biadh a chur air am beulaobh, agus ri ’n coiteach gus a ghabhail. ’Na dheigh sin, dh’ fheoraich e dhiubh ciod a b’ ainm dhaibh. Dh’ innis iad dha gu ’n robh Amhach Gheal, Bilean Dearga, Solus Gealaich, Solus Greine, Taitneas Sul, Taitneas Cridhe. Agus b’ e Siucar ainm na te a bha ’toirt fionnarachd dha. Labhair e ann am briathran tlath, taitneach mu dheidhinn nan ainmeannan a bh’ orra, agus cha ’n ’eil ioghnadh ged a chord a bhriathran geur-chuiseach gu mor ris an righ. An uair a chunnaic na mnathan-uaisle gu ’n do chuir Abou Hasan crioch air a dhinnear, thuirt te dhiubh ri fear dhe ’n luchd-frithealaidh: “Tha Ceannard nan Creidmheach a’ dol do ’n talla anns am bheil am biadh-milis—thoir a steach uisge.” Ghrad dh’ eirich iad o ’n bhord. Thainig te dhiubh far an robh e le meis oir, te eile le soitheach-uisge oir, agus te eile le searbhadair, agus chaidh iad air an gluinean aig casan Abou Hasain, agus dh’ iarr iad air a lamhan a nigheadh. ’Na dheigh sin dh’ fhosgladh an dorus, agus chaidh iad uile steach do thalla mor eile a bha anabarrach maiseach le dealbhannan, le soithichean oir is airgid, le lar-bhrat, agus le innsreadh luachmhor eile. Bha seachd buidhnichean de luchd-ciuil anns an talla so mar an ceudna, agus cha bu luaithe a nochd Abou Hasan a steach na thoisich iad ri cluich. Bha bord ann am meadhain an talla so, agus bha seachd soluis mhora ann mar an ceudna. Bha ’m bord comhdaichte le measan tiorama dhe gach seorsa a b’ fhearr na cheile. Bha iad air an carnadh suas air seachd miosan oir. Bha seachdnar de mhnathan-uaisle ’nan seasamh timchioll a’ bhuird, agus, nam bu chomasach e, bha iad uile na bu mhaisiche nan t-seachdnar a bh’ anns an talla eile. Agus bha guite ann an laimh gach te dhiubh. Thug na nithean so air Abou Hasan gu ’n robh moran a bharrachd ioghnaidh air na bh’ air roimhe. An uair a dh’ amhairc e air gach ni a bh’ anns an talla, shuidh e aig a’ bhord, agus car uine bha e ’g amharc le ioghnadh agus le annas air na seachd mnathan-uaisle a bha f’a chomhair, agus e gun fhios aige co ’n te dhiubh dhe ’n deanadh e roghainn. Mu dheireadh dh’ ordaich e dhaibh na guiteachan a chur uapa, agus suidhe aig a’ bhord comhladh ris, agus biadh a ghabhail. Thuirt e riutha nach robh an teas cho mor ’s gu ’n ruigeadh iad a leas a bhith ’toirt fionnarachd dha. An uair a shuidh na mnathan-uaisle mu ’n bhord, dh’ fheoraich e dhiubh ciod a b’ ainm dhaibh. Dh’ innis iad an ainmeannan dha. An uair a thairg e measan dhaibh, labhair e riutha ann am briathran tuigseach, glic, geur-chuiseach. “Ith an fhige so,” ars’ esan ri Bann nan Cridheachan, “agus dean an ceangal a rinn thu air mo chridhe na ’s fhusa ’ghiulan na bha e a’ cheud shealladh a chunnaic mi dhiot.” An sin thionndaidh e ri Pian an Anama, a bha ’na suidhe air an taobh eile dheth, agus thuirt e rithe, “Gabh am bagaide dhearcan so air chumhnanta gu ’n tog thu dhiom tomhas dhe ’n Phian a tha mi ’fulang air do sgath.” Labhair e ann an doigh coltach ris a so ris gach te de chach. Leis na briathran so thug Abou Hasan toileachadh agus culaidh-abhachais nach bu bheag do ’n righ. Thaitinn na labhair agus na rinn e ris anabarrach math. Bha e ro thoilichte gu ’n do chuir e eolas air a leithid de dhuine, agus gu ’n robh comas aige air am barrachd eolais a chur air. An deigh do Abou Hasan na measan a bhlasad, lean e Mesrour am mach do ’n treas talla, a bha moran na bu mhaisiche anns gach doigh na h-aon dhe ’n da thalla eile. Anns an talla so bha a’ cheart aireamh de luchd-ciuil agus de mhnathan-uaisle ’s a bh’ anns an da thalla eile. Agus bha ’m bord comhdaichte leis a h-uile seorsa de bhiadhannan milis. An uair a sheall e mu ’n cuairt dha le ioghnadh ur, shuidh e aig a’ bhord. Bha ’n luchd-ciuil a’ seinn gus an do shuidh e. Shuidh an t-seachdnar mhnathan-uaisle aig a’ bhord comhladh ris mar a dh’ aithn e dhaibh, agus chuidich iad iad fhein mar a dh’ aithn e dhaibh. Dh’ fheoraich e mu dheidhinn an ainmeannan, agus labhair e riutha cho tlachdar agus cho geur-chuiseach ’s a labhair e ri cach. Chual’ an righ a h-uile facal a thuirt e riutha, agus chord a bhriathran ris gle mhath. Mu ’n am so bha beul na h-oidhche air tighinn. Thugadh Abou Hasan do ’n cheathramh talla, a bha moran na bu mhaisiche anns gach doigh na na tri tallachan eile. Bha seachd coinnlearan ann agus iad laiste le coinnlean ceireach, agus bha ’n solus anabarrach briagha. Cha robh a leithid anns na tallachan eile, oir cha robh feum air. Bha cheart aireamh de luchd-ciuil anns an talla so ’s a bh’ anns na tallachar eile, agus iad a’ seinn ’s a’ cluich le sunnd agus le toileachadh. Bha seachdnar mhnathan-uaisle ’nan seasamh mu ’n cuairt a’ bhuird mar an ceudna. Bha seachd miosan oir luma lan de dh’ aran milis, agus de bhiadhannan grinne eile air a’ bhord. Rud nach fhac’ e anns na tallachan eile, bha seachd soithichean mora airgid air a’ bhord agus iad luma lan de dh’ fhion cho math ’s a bha ri fhaotainn. Agus bha seachd glaineachan criostail ri ’n taobh. A reir a’ chleachdaidh a bh’ ann am Bagdad, cha d’ ol Abou Hasan deur anns na tri tallachan eile ach an t-uisge fuar. B’ e so an cleachdadh a bh’ aig gach neach o ’n righ a dh’ ionnsuidh an duine a b’ isle staid; cha ’n oladh iad deur fiona gus an tigeadh am feasgar. Duine sam bith a dh’ oladh re an latha, bha e air a mheas mar phoitear, agus cha bu dana leis e-fhein a nochdadh am measg dhaoine air an latha. Tha ’n cleachdadh so na ’s ion-mholta, do bhrigh gu ’m (Air a leantuinn air taobh 134). [TD 132] [Vol. 10. No. 18. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear ga luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, NOBHEMBER 15, 1901. FIOS A DUN MHIC UISDEAN. CHUALAS á Dùn Mhic Uisdean mu dheireadh thall. Bha Mac Uisdean, is duilich leinn a chluinntinn, an droch shlàinte fad an t-samhraidh, gun fonn gabhail phort no sgriobhaidh air. ’S e sin a chum air ais na puirt-a-beul. Ach fhuair sinn litir thomadach uaithe air a bhòn-raoir, a bhios air a toirt seachad anns an ath àireamh. Cluinnear uaithe gu math tric mu’n teirig an geamhradh. BAS LI HUNG CHANG. CHAOCHAIL an Sineach ainmeil so maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e tri fichead us ochd bliadhna deug a dh’ aois, agus bha e na dhuine saoithreach, deanadach re uile laithean a bheatha. Bha cumhachd agus inbhe mhor aige ann an Sina, agus b’ e an aon fhear-stàite a bh’ aig an dùthaich a bha comasach air a còir a sheasamh an aghaidh luchd-stàite na h-Eòrpa. Bha amhrus làidir air o chionn bliadhna no dha gu robh e an co-bhoinn ri Ruisia an aghaidh ua rioghachdan Eòrpach eile, ach thatar a nise ’g innse gu robh a bhàs air a ghreasad le còmhstri a bh’ aige ri teachdairean na dùthcha sin, a bha air son còirichean fhàsgadh á Sina nach robh esan toileach a thoirt seachad. Tha a bhàs a deanamh lagachadh mor air greim Ruisia ann am Manchuria. AN SEANALAIR BULLER. THA an Seanalair Buller air leagadh mor fhaotainn. Air tàileabh òraid a rinn e o chionn ghoirid chaidh a chur á dreuchd ceannard airm. Bha sgeul a dol am measg nam paipearan o chionn còrr us bliadhna gu’n do chomhairlich Buller do ’n t-Seanalair White Ladysmith a thoirt suas do na Boerich agus a chuid sin de ’n duthaich fhàgail. Bha Buller a reir coltais a fàs searbh dhe ’n sgeul sin, agus aig dinneir a thugadh dha air a mhios a dh’ fhalbh, rinn e òraid a chreachaidh, anns an d’ aidich e gu ’n d’ rinn e cead a thoirt do White baile Ladysmith a thoirt suas, agus a cur nam paipearan gu ’n dùbhlan. Labhair e air dhòigh a chuir ioghnadh air na chual e, agus chuir an t-aideachadh a rinn e tàmailt mhor air muinntir a dhùthcha. Anns an arm Bhreatunnach, cha ’n eil e ceadaichte do cheannardan airm a bhi cur chathan le ’m beòil, agus cha deach ach beagan us seachdain seachad an deigh dha an òraid a labhairt, nuair a fhuair Buller fios gu ’m feumadh e a dhreuchd a leigeil uaithe, dreuchd nach robh e air fhaotainn ach ùine ghoirid roimhe sin. Tha duilichinn mhor air sluagh Bhreatuinn air son mar a thachair. Tha Buller na shaighdear cho treun ’sa tha agus an rioghachd, mar a dhearbh e iomadh uair, ach thainig e gearr ann am breithneachadh. Chaidh e cearr ’sa cheud àite ann an comhairleachadh do White an daighneachd a bha e dion a thoirt suas, agus a rithist ann an sin aideachadh gu follaiseach nuair nach robh iarraidh air, agus nuair a bha e ’n aghaidh riaghailtean an airm dha a dheanamh. Cha b’ urrainn do ’n Riaghladh Bhreatunnach, an deigh dha sin a dheanamh, buntainn ris ann an dòigh sam bith eile ach mar a rinn iad. TEAGASG IS TUIGSE. THA so a dhìth ’nar measg mar Ghàidheil air iomadh dòigh. Tha sinn eòlach gu leòir air ar feuman féin mar Ghàidheil, agus tha sinn ’na uairean glé àrd-labhrach mu ar cùisean féin an taobh a stigh do chrìochan àraidh. Ach cha ’n ’eil sinn a ghnàth cho cuimhneach ’s a bu chòir dhuinn a bhi air na tha a’ tachairt air an taobh eile. Tha taobhan agus duilleagan eile ann an cùrsa gach beatha; agus ann am beatha ar cinneach féin tha e soilleir gu ’m bheil teagasg do gach seòrsa a dhìth oirnn. Cha ’n e mhain sin, ach tha tuigse a dhith oirnn mar an ceudna. Thigeadh dhuinn a bhi cuimhneach air na teagasgan agus air an t-solus a thàinig g’ ar n-ionnsuidh gun teagamh; ach thigeadh dhuinn mar an ceudna a bhi smuainteachail mu ’n chùrsa a bu chòir dhuinn a leantuinn mar shluagh a tha a’ labhairt Gàilig, agus aig am bheil an crìochan féin, an còirichean féin, agus an cliù féin ri chumail air chuimhne. Tha teagasg, tuigse mu riaghladh, agus a bhi ’gan cur so gu feum a dhith am measg nan Gàidheal.—Oban Times. BAISTEADH A’ PHRIONNSA OIG. ’S ANN an caisteal rioghail Windsor bha ’chuideachd mhòr, ’s an greadhnachas, air an latha ’bhaisteadh am Prionnsa òg! Bha ’n aimsir fabharrach—an latha grianach, soilleir—feachd lionmhor fo airm, a’s gathan na gréine ’dealradh air an stàilinn lìomhaidh ’s air an glogaidibh àrd—iomadh bratach gu h-àrd ri crann, a’s caithream-chiùil de gach seòrsa ri eisdeachd air gach taobh. Bha cuideachd an deigh cuideachd de chùirtearan, àrd-flaithean, is mòr-fhearan na tir, ann an carbadan eireachdail, riomhach, is uaislean, is àilneachd, is urram nan tri rioghachdan, a nis ri fhaicinn mu lùchairtean a’ chaisteil àird. Beagan an deigh mheadhon-latha, thòisich an eaglais rioghail ri lionadh leis an fheadhainn a fhuair comas uapasan ris an robh na riaghailtean an earbsa. Lionadh e gach duilleag a th’ againn mìon chunntas a thoirt air gnothaichean an latha so. Ach da rireadh bu shealladh e a b’ fhiach fhaicinn, mar bha ’chuideachd urramaichte a’ gluasad o’n chaisteal do ’n eaglais. Bha ’n naoidhean òg, am Prionnsa, air a ghiulan ann an carbad riomhach, le ’mhuime is mnathan uasal eile. Thog a mhuime suas e an dràsd ’sa rithist, gu sealladh a thoirt dhe do ’n t-sluagh, a chuir fàilte cridheil, shunndach, rioghail air, mar bha ’n carbad a’ gabhail seachad; agus dh’ fhàiltich am feachd a bha fo arm e ’nuair dhlùthaich e orra. Bha ’Bhan-righ agus Prionns’ Albert ann an carbad le chéile. Leth-uair an deigh meadhon-latha chualas na gunnaichean-mòr a toirt sanas gu ’n robh iad air a’ chaisteal fhàgail. ’N uair a chaidh ise stigh, lean Righ Phrussia agus flaithean na cùirt i. Dh’ eirich gach aon a bha ’san eaglais, is thog na h-orgain bu bhinn pong a suas—an ceòl bu sholuimte. Dh’ fhosgail àrd easbuig Shasunn an leabhar mu choinneamh na h-altraich, agus leugh e seirbheis a’ bhaisteadh, do reir gnàth Eaglais Shasuinn. Fhad ’sa bha esan a leughadh so, bha ’Bhan-righ agus a céile prionnsail air an glùnaibh. B’ e Righ Phrussia an t-àrd ghoisdidh. Thainig iad air an aghaidh, agus ghabh iad na bòidean orra féin. Fhreagair Righ Phrussia, ’na ainm féin, ’san ainm na goisdidhean eile, le guth làidir, pongail. Thainig an sin Ban-Diùc Bhuccleugh a stigh, ’s an naoidhean òg aice air a da ghairdean, ’ga ghiùlan suas a dh’ ionnsuidh an àite ’san robh an t-àrd easbuig ’na sheasamh. Thug i an leanabh dha; chàirich i e ’na uchd. Dh’ fheòraich e an sin ciod an t-ainm a b’ àill leo thoirt air an leanabh, agus fhreagair Righ Phrussia Albert Edward. An sin thubhairt an t-Easbuig, “Abhairt Imhear, tha mise ga d’ bhaisteadh an ainm an Athar, a Mhic, ’san Spiorad Naoimh. Tha sinn,” ars’ esan, “a nis a gabhail an leinibh so a stigh am measg sluagh agus treud Chriosd.” An deigh dha an ùrnuigh ghnàthaichte a thairgse suas, bhaist e am Prionnsa. Thug e an sin am pàisd air ais do ’n Bhan-Diùc, agus dh’ fhalbh i null leis far an robh a’ charaid rioghail nan suidhe, far an d’ fhan i leis gus an robh seirbheis an latha seachad. Thog na h-orgain a’s luchd-ciùil suas an halleluidhadh bu bhinn, mar bha ’chuideachd a gabhail am mach as an eaglais. Bhaisteadh am Prionnsa òg le uisge a thugadh fad an rathaid o abhuinn iomraiteach Iordan! A’ CHUIRM AN DEIGH A’ BHAISTEADH. Cha robh cuirm riamh an caisteal àrd Windsor a thug bàrr air an aon so. Cha robh soithichean òir no airgiod a bhuineadh do theaghlach rioghail Shasuinn nach robh mach air a’ bhòrd, ’s b’e sin am bòrd eireachdail. Tha ’n seòmar mor ’san robh a’ chuirm so dà cheud troidh air fad, agus do reir sin air leud. Cha robh soitheach de sheòrsa sam bith—mar na truinnsearan, na spàinean, na ladair, na sgeanan, na forcan—nach robh an darna cuid do dh’ òr, airneo do dh’ airgiod air òradh thairis. Shuidh a’ chuideachd leth-uair an deigh seachd, a’ Bhan-righ air an darna taobh de ’n bhòrd, le Righ Phrussia air a làimh dheis, agus Prionns’ Albert m’a coinneamh air an taobh eile. Mu ’n d’ éirich a’ chuideachd, thainig dà phìobaire stigh, a’s chluich iad cuairt air a’ phìob mhòir Albannaich, a’ siubhal ceithir-thimchioll an t-seòmair. Cha chuala sinn ciod am port a chluich iad, ach ’s dòcha gu ’m b’e Fàilte a’ Phrionnsa òig. Bha ’Bhan-righ agus Righ Phrussia barrachd ’us toilichte leis a’ phìob. Thug Diùc Shussex, brathair-athar na Banrigh, cuirm mhòr, mar urram air Rìgh Phrussia; agus bha MacAoidh, pìobaire an Diùc, a cluich mar dh’ fhàg an Righ a’ chuideachd. Thug e air a’ phìobaire iomachd roimhe, a cluich gu sùrdail. Cha b’ iongantach leinn ged bhiodh a’ phìob-mòr Albannach fasanta, ’s fo onair an Sasunn agus an rioghachdan coimheach. [B’ e Di-sathairne s’a chaidh latha breith an Rìgh,—a cheud uair a thainig e mu ’n cuairt an deigh dha tigh’nn dh’ iounsuidh a chrùin. Is ann air an aobhar sin a tha an cùnntas gearr so (á Cuairtear nan Gleann, Màrt, 1842) air a bhaisteadh air a thoirt d’ ar leughadairean. Aig an àm sin cha robh na prionnsachan rioghail cho lionmhor ann am Breatuinn ’sa tha iad an diugh. Cha robh oighre mic air Victoria ach e-féin, agus bha eagal air na Breatunnaich gu ’m faodadh a crùn a dhol gu prionnsa Gearmailteach. Faodar mar sin a thuigsinn gu robh othail agus greadhnachas mu bhaisteadh Ailbeart Imhear nach robh air a chleachdadh mu bhaisteadh aon de na prionnsachan a thainig na dheigh.] [TD 133] [Vol. 10. No. 18. p. 5] Naigheachdan. AN RIGH ’S AN T-SABAID—Tha Righ Iomhar an deigh ioghnadh agus miothlachd a chur air cuid de na h-uaislean a tha mu thimchioll le bhi cur roimhe gach obair agus subhachas is urrainn e a sheachnadh air Di-dòmhnaich. Cha ghabh e turus air an rathad-iaruinn, agus cha toir e cuireadh ’s cha ghabh e cuireadh gu dinnear mhor no cruinneachadh spòrsail sam bith air an latha sin. SIDNI SAOR O’N BHRIC—A bharrachd air an duine thug a bhreac do’n bhaile cha robh tinn leatha gu ruige so ach aon duin’ eile. Tha iad a nise air a dhol am feobhas, agus air an leigeil m’a sgaoil. Tha an tigh anns ’n do bhrist i mach fo laimh nam maor, agus cha d’ fhuair iadsan a bha fuireach ann fhàgail fhathast. Tha dòchas againn nach bi tuilleadh iomraidh oirre anns a bhaile so. GNIOMH OINNSICH—Chaidh boirionnach le Eas Niagara o chionn ghoirid am broinn baraille, agus fhuaireadh as beò i. B’e so a cheud uair a fhuair neach a dhol leis an eas gun bhi air a mharbhadh, agus o’n chaidh i so ann dha deòin fein air sgàth an ainm a choisneadh e dh’i, tha daoine ri ’m faotainn nach biodh ro dhuilich ged bhiodh i air a cur ri aireamh chàich. Cha’n eil daoine no mnathan a chuireas am beatha féin an cunnart air sgàth glòir fhaoin an t-saoghal a nochdadh gliocais no treine, agus cha ’n eil iad airidh air a bheatha no air an t-slàinte tha iad a’ mealtuinn. FACAL MU “MHAC-TALLA”—Tha MAC-TALLA a nise air a chur a mach uair ’san da sheachdain, an àite gach seachdain mar a bha e roimhe. Anns an àireamh a thainig a mach air a cheud latha de Nobhember, tha an t-aobhar air son an d’ rinneadh an t-atharrachadh air a chur an ceill. Tha dòchas againn gu’n seas na Gàidheil gu dileas ri chùl, a chum nach bi an còrr calla air a chur air; gum bi e air a neartachadh agus iadsan a tha ga dheasachadh ’s ga chur a mach air am misneachadh nan obair os leth na Gàilig agus nan Gàidheal. Seasadh na Gaidheil an guaillibh a cheile agus cha’n eil eagal no cùram do MHAC-TALLA. IMRICH NA BLIADHNA ’N UIRIDH—Air a’ bhliadhna chriochnaich le mios Iun, 1901, thainig leth-cheud mile de luchd-imrich do Chanada. Bha ochd mile deug dhe’n àireamh sin as na Staidean. Thainig an corr thar cuain, agus nam measg bha 9,331 á Sasunn, 833 á Eirinn, agus 1,476 á Alba; bha càch uile bhar tir-mor na h-Eorpa. Tha a mhor chuid dhe ’n luchd-imrich air fad a’ suidheachadh anns an Iar Thuath. Tha iadsan a thainig as na Staidean na’s luachmhoire do’n dùthaich na muinntir tir-mor na h-Eòrpa, oir ’s ann as na Staidean an Iar a tha iad a tighinn, agus tha iad na’s eòlaiche air side agus gnè na dùthcha na b’urrainn dhaibh sin a bhith. COMHAIRLE NA SIORRACHD—Bithear a taghadh buill comhairle nan siorrachdan ann an Nobha Scotia Di-ciaduin s’a tighinn. Anns an t-siorrachd so tha àireamh de na daoine bha anns an t-seann chomhairle air an leigeil a stigh gun duine ruith nan aghaidh. Anns an àireamh sin tha H. LeVatte, Louisbourg; Niall Mac Fhearghais, Marion Bridge; Domhnull Moireasdan, Catalone; Aonghas Camaran, Sidni Forks; Alasdair Domhnullach, Baoghasdal; agus fear no dha eile. Cha’n eil againn ri radh mu na h-àiteachan anns am bheil taghadh ri bhith, ach gu bheil sinn an dòchas gur h-iad na daoine a’s fhearr ’s a’s airidhe air an urram a bhios air an cur do ’n chomhairle. DUINE AIR CHALL—Tha fear Uisdean Mac Cuthais, a bha ’fuireach air Rathad Lingan, air chall o chionn còrr us seachdain, agus tha a chàirdean fo iomguin nach beag dh’ a thaobh. Dh’ fhàg e a dhachaidh mu sheachd uairean feasgar Dior-daoin. Bha e anns a bhaile fad an fheasgair, agus mu dheich uairean chunnacas e air sràid Shearlot, ’s e, a reir an rathaid a bha e gabhail, a dol dhachaidh. Cha ’n fhacas uaithe sin e. Bha e mu dha bhliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Bhuineadh e do Loch Lomond, agus bha e-féin ’sa chuideachd a fuireach air Rathad Lingan o chionn shia bliadhna. Bha e ’na dheagh chosnaiche. Bha fichead dolair aige a fàgail an taighe. Tha cuid am barail gu bheil e ann am Boston. AIR A SAORADH—Ann am Brantford, Ontario, bha Mrs White air a feuchainn air son mort, air àmhrus gu’n do phuinnseanaich i a fear-pòsda fein. Bha esan air a phuinnseanachadh cinnteach gu leòr, ach cha robh dearbhadh sam bith air a thobhairt gu ’m b’ ise rinn e. Bha an duine trom air an òl, agus cha robh luchd a cheartais cinnteach nach b’e féin a chuir crioch air a bheatha. Bha a bhean air an aobhar sin air a leigeil m’a sgaoil. REIC NAN CIGARETTES—Aig cruinneachadh cloinne a bha ann an Abaraidhean o chionn ghoirid, labhair Iarla Abaraidhean mu’n duilichinn a bh’ air a chionn gu robh bùthan anns a bhaile sin anns am faodadh gillean òga cigarettes a cheannach air Di-domhnaich. Mhol e dhaibh an lagh a bh’ againn ann an Canada nach ceadaicheadh an creic ri cloinn air latha sam bith dhe ’n t-seachdain. Cha do chuir an t-Iarla, a reir gach coltais, moran eòlais air an doigh anns an robh an lagh sin air a chumail ann an Sidni. ANNS AN YUKON—Tha fiosan a tha tighinn as an Yukon ag innse gu bheil cùisean a’ dol air adhart anns an àite sin gu gasda. Tha baile Dawson gu rianail agus gu comhartail. Tha a mhi-riaghailt ’s am mi-bheus a bha ’dol air adhart ann an toiseach air an cur as gu buileach. Cha ’n eil beatha duine uair sam bith an cunnart, agus tha sith agus rian ri fhaicinn anns gach cearna dhe’n bhaile. Faodar a thaing sin a thoirt ann an tomhas mor do na maoir agus do ’n luchd-ceartais a chuir an t-àrd riaghladh ann. Facal an Cois Dollar. FHIR DEASACHAIDH,—Thàinig do rabhadh gu laimh. ’S ann le toileachas a tha mi cur a’ d’ ionnsaidh an t-suim a tha dligheach dhuit. Thoir sùil ann am pòca achlais na litir so, ’s gheibh thu an sin dollar airson MAC-TALLA fad bliadhna eile, ’s cha ’n eil e ach ceart agus freagarrach gu ’m biodh sibh ag iarraidh ur cuid fhein. Tha na Gaidheil rudeigin iongantach san dòigh so. Ma ni sibh dol na ’n rathad, bheir iad aoidheachd dhuibh fad seachdain aig cosdas a phaigheadh coig no sia phrisean de MHAC-TALLA; ach iarraibh ar cuid fhein troimh ’n phaipeir—dollar de dh’ airgiod cruaidh—agus smaointichidh iad thairis air a ghnothuch gus an di-chuimhnich iad gach m mu ’n cuairt air, ’s tha sibhse am mach dollar. Cha ’n urrainn dhomh an gnothuch a dheanamh soilleir; ach ma ni iad mar a rinn mise—an dollar a chur air ball ann an litir—bidh fiamh gàire orra gu bheil an gnothuch seachad, ’s ni am fear-deasachaidh gàire cridheil nuair thig dollar an deigh dollar a stigh dha. An là chi ’s nach fhaic, ’s mi do charaid, Toronto, Oct. 30, 1901. DUGHALL. Chunnaic i Seachd Linntean. Tha aois tri fichead ’s a sia de bhoirionnach air Abhainn Mhargaree a chunnaic seachd linntean. ’S i ’m boirionnach bean Dhùghail ’Ic Pharlain, aig Eaglais na h-Aibhne. Agus cha ’n ’eil mi ag ràdh nach ’eil feadhainn eile air an Abhainn a’s òige na ’m boirionnach so a chunnaic na seachd linntean ceudna. Chunnaic i, mata, 1. Mòr, nighean Iain ’ic Uilleim ’ic Gillios, bean Iain ’ic Dhomhuill ’ic Gilleolain. 2. Mairi nighean Iain ’ic Dhomhuill so—bean Iain ’ic Eoghainn ’ic Iain oig Dhùghalaich, a dh’ eug bho chionn mu leth-cheud bliadhna aig Abhainn Mhargaree. 3. Iain mac Iain ’ic Eoghain—mac Mairi so. B’ e so athair bean Dhùghail ’Ic Pharlain fhein. 4. Catriona nighean Iain so—bean Dhùghail. 5. Mairi Nic Pharlain, nach maireann, nighean Catriona so, a bha pòsd’ aig Iain Mac Eacharna. 6. Iain Mac Eacharna, mac Mairi so. 7. Mairi Nic Eacharna, nighean Iain so, nach ’eil ach ’na leanabh. Co aige tha fios nach fhaic am boirionnach linn eile? Ma chi, faodaidh Eoghain mac Aonghais ’ic Eoghainn is Catriona bhan am beòil a’ dhùnadh. Do charaide, RAONALL BEAG A PHEATAIN. Litir a Ceap Nor. THA daoine an deigh an cuid buntàta a thogail o chionn cho-la-deug, agus tha iomadh aon a gearan air an gainne ged tha stuth math annta gu leir. Cha do lion an gràn math sam bith, le meud na tiormachd deireadh an t-samhraidh agus toiseach an fhogharaidh; ach ’s math a ni ged dh’ fhaodas am bàrr a bhi fad air ais an cuid a chearnan de’n t-saoghal, mar tha tachairt gach bliadhna, gu bheil deadh fhàs an cearnan eile, air chor ’s nam biodh e comasach toradh luachmhor na talmhainn a roinn gu cothromach air gach sluagh fa leth, nach ruigeadh neach sam bith a leas ocras fhulang le dith bidh. Cha’n ’eil tuathanaich an àite so idir a togail na dh’ fhaodadh iad air an cuid fearainn. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil sin an tomhas mòr air aobharachadh le e bhi eucomasach dhuinn faotuinn gu margadh gach uair as miann leinn. Nam biodh an acarsaid againn air a fosgladh, air chor ’s gu ’m faigheadh soitheach seolaidh no bàta smuide a mach ’s a stigh, mar a dh’ fheumadh sinn, thigeadh adhartas mòran na ’s fearr air iomadh ni ’n ar measg. Leis an fhosgladh a tha eadar an acarsaid agus an cuan a bhi cho eu-domhain, agus air uairean ag atharrachadh a chùrsa, agus le easbhuidh soirbheas fàbharach ’n uair’ tha làn-mara aig àirde, ’s minic a tha na pacaidean air an cumail a feitheamh ri faotainn a mach aisde re uine fhada. Mar sin cha’n ann aon uair a thainig air daoine crodh ’us caoraich a bhiodh iad a rùnachadh a chur gu Sidni, a thoirt a ris air ais gu’n dachaidean, an deigh do na h-ainmhidhean bochda bhi air an cuibhreachadh re seachduin no còrr ann an aon de na pacaidan ud. Na’m foghnadh geallaidhean briagha aig àm taghaidh ’s fada o’n bhiodh sinne ’deanamh gairdeachas ann an deadh acarsaid a bhi againn, ach is ni cinnteach nach fosgail geallaidhean gun choimhlionadh gu bràth i. Tha daoine gu tric a’ gabhail a bhàta smuide gu ruige Sidni, agus a chum sin a dheanamh, ’s minic a dh’ fheumas iad dol àireamh mhòr mhiltean air dhroch rathad gu ruige Acarsaid Neill. A tighinn an taobh so ’s tric a dh’ fheumar a fàgail an sin air son an aobhar cheudna, se sin, sinn fhein a bhi gun acarsaid. Tha daoine ag innse dhuinn gu bheil deadh ghual ri fhaotuinn ’sa ghleann, eadar an t-àite so agus Bàgh St. Lawrence, agus tha daoine cheana cladhach air son airgid aig an Acarsaid a Deas, ’s iad a deanamh cinnteach gu’m pàidh a mheinn sin gu math ’n uair gheibh iad ullamh gu àireamh fhreagarrach dhaoine ’chur a dh’ obair innte. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil gual ri ’fhaotuinn ’s an àite so fhein mar an ceudna; ach ged nach biodh aon chuid gual no airgiod ri ’m faotuinn ann, bu choir do’n Riaghladh an acarsaid air am bheil an dà bhàgh so cho feumach, fhosgladh suas dhuinn gun dàil. An uiread so mu na gnothuichean cearbach ud; ach feumaidh mi a nis iomradh goirid a dheanamh air ni a dhi-chuimhnich mi chur ’s an litir roimhe, se sin, an t-àite iongantach ’s an d’ fhuair aon de na ban-choimhearsnaich againn nead sheillean air an t-samhradh s’a chaidh. Bha uinneag aon de sheòmraichean an taighe air a fàgail fosgailte re ùine fhada. Bha iarnan snàtha an crochadh ’san t-seomar, ’s tha e coltach gu ’m buail e ’n ceann sgaoth sheillein gu ’m bu sheasgair an t-aite chum nead a dheanamh innte aon dheth na h-iarnan. ’Sann mar sin a bha, ’s ghabh iad seilbh air an rum re an t-sàmhraidh, ach mar ’s minic a tha tachairt do chreutairean ceannairceach, chuireadh an ruaig orra na’n cabhaig air a cheann mu dheireadh. M. D. Ceap Nor, Oct. 31, 1901. [TD 134] [Vol. 10. No. 18. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 131). feum daoine a bhios a’ deanamh gnothaich an cinn a bhith glan, stold fad an latha. Agus o nach ’eil duine sam bith ag ol fiona re an latha, cha ’n fhaicear duine air mhisg air na sraidean re an latha; agus cha bhi tuasaid anns a’ bhaile. Cho luath ’s a chaidh Abou Hasan a steach do ’n cheathramh talla, ghabh e direach a dh’ ionnsuidh a’ bhuird, agus shuidh e. Bha e uine mhath ’na shuidhe gun fhacal a’ tighinn as a cheann le meud an aoibhneis a bh’ air, air dha a bhith gabhail beachd gu dluth air an t-seachdaar mhnathan-uaisle a bha ’nan seasamh m’ a thimchioll. Bha iad moran na bu bhriagha na ’n fheadhainn a chunnaic e anns na tallachan eile. Bha toil aige fios fhaotainn air an ainmeannan; ach bha fuaim a’ chiuil cho ard ’s nach cluinneadh e ach gann facal a theireadh iad ris. Mu dheireadh bhuail e a dha bhois ri ’cheile, mar chomharradh gu ’n robh e ag iarraidh air an luchd-ciuil stad. Agus bha samhchair mhor anns an talla. An sin rug e air laimh air a’ mhnaoi-uasail a b’ fhaisge dha, agus an uair a thug e oirre suidhe ri ’thaobh, agus a thairg e aran-milis dhi, dh’ fheoraich e ciod a b’ ainm dhi. “A Cheannaird nan Creidmheach,” ars’ ise, “is e Neamhnaid a theirear rium.” “Cha b’ urrainnear ainm bu fhreagarraiche a thoirt ort,” ars’ Abou Hasan. “Gu cinnteach ceart tha d’ fhiaclan na ’s maisiche na na neamhnaidean a’s fhearr a chunnacas riamh. A Neamhnaid, o ’n is e sin d’ ainm, bidh mi ’nad chomain ma bheir thu dhomh glaine fhiona as do laimh mhaisich, agus ma dh’ olas tu fhein glaine eile comhladh rium.” Ghrad chaidh a’ bhean-uasal thun an t-soithich fhiona gu h-aoidheil, agus thug i glaine fhiona g’ a ionnsuidh. Ghabh Abou Hasan a’ ghlaine as a laimh agus fiamh gaire air, agus thuirt e rithe ’s e ’g amharc oirre le tlachd, “A Neamhnaid, tha mi ’g ol air do shlainte; is e mo mhiann gu ’n lionadh tu glaine eile dhut fhein, agus gu ’n oladh tu air mo shlainte-sa i.” Ghrad chaidh i agus lion i glaine; ach mu ’n d’ ol i am fion, ghabh i oran a thaitinn anabarrach math ri Abou Hasan. (Ri leantuinn.) Searmon Airson na h-Oigridh. EARRANN II. CHUNNAIC mi aon uair dealbh maighich agus eòin. Bha iad anbharrach coslach—cho innleachdach air an tarruing, ’s gu ’n saoileadh tu gu ’n robh iad beò. Thainig cuilean beag coin a stigh; ’s air dha amharc orra, ghrad thòisich e air tathunnaich ’s air leumraich timchioll orr, a’ feuchainn an glacadh, fo bharail gu’n robh an deò annta—gu’n robh iad beò. Nis, am b’ urrainn teagamh ’bhi aig neach air bith gur duine ’tharruing an dealbh so? Cha b’ urrainn; ni mò an robh e comasach a bhi an teagamh gur e Dia ’rinn an cuilean beag ’bha tathunnaich riu. Chunnaic mi dealbh aon uair oscionn dorus tigh-òsda—dealbh sguaib chruineachd. Thainig mart a bha dol seachad, agus dh’ fheuch i greimeachadh air an dealbh ’na beul, a’ smuaineachadh gur sguab fhìrinnich chruineachd a bh’ann. Nam faiceadh tusa ’n dealbh sin, nach tuigeadh tu air ball gur duine thaobh-eigin a tharruing i? agus is dòcha gu’n canadh tu, “Da rìreadh, is gasd’ a tharruing e dealbh na sguaibe chruineachd.” Nis, ’nuair a chi thu cruineachd a’ fàs ’san achadh, a’s crodh a’s caoraich ag ionaltradh sa’ mhachair, tha fios agad gur neach no ni-eigin a linn iad. ’Se an neach sin Dia. An uair a chluinneas tu sgeul taitneach, ’bheil a’ chluas toilichte? Cha’n eil toileachas air bith aig a’ chluais. An uair a chì thu sealladh, taitnich air bith, am beil an t-sùil toilichte? Cha’n ’eil sòlas air bith aig an t-sùil; ach tha ’n inntinn toilichte. An uair a chì thu sealladh àillidh, a dh’ éisdeas tu sgeul taitneach, a chluinneas tu ceòl binn, tha’n inntinn toilichte. So an nì ris an abair sinn toileachas-inntinn. Ach ciamar a thachair do’n inntinn sin a bhi agad? ’Nann o thuiteamas a fhuair thu inntinn? Cha ’n ann, ni mò na ’s ann o thuiteamas a thachair do ’n chranaig ’s do na lobhtaichean so a bhi ’san eaglais air a’ bheil mi labhairt. ’Si a’ choluinn an tigh; tha’n t-anam na chòmhnuidh ’san tigh sin; agus rinn Dia a’ chluas chum fuaim bhinn a leigeil stigh do’n anam. Rinn Dia na sùilean chum ’s gu’n tigeadh solus a stigh mar troimh uinneig; an teanga, chum ’s gum faodadh an t-anam labhairt agus innseadh na bha ’dhith air, ’s na tha e a’ mothachadh ’s a’ toirt fainear. Rinn Dia na casan chum tigh-còmhnuidh an anaim a ghiùlan mu’n cuairt o àite gu h-àite; na lamhan, chum a bhi nan seirbhisich do’n anam, agus gach nì a dheanamh is miannach leis an anam. Tha feum aig a’ choluinn air biadh a’s lòn; agus rinn Dia an teine chum a dheasachadh, agus na fiaclan chum itheadh. Tha feum aice air deoch; rinn Dia an t-uisge, agus na bò chum bainne ’thoirt. Tha feum aig a’ cholunn, tigh an anaim, air a bhi air a comhdachadh; agus mar so thug Dia air a’ chotan fàs as an talamh. Thug e seiche do na bò, agus olunn do na caoraich; agus chruithich e cnuimh àraidh chum sìod’ a shniomh dhi. Tha feum aig an duine air acfhuinn, cungaidh oibreachadh; rinn Dia uime sin iarunn a’s umha, a’s luaidh, airgiod, a’s òr, a’s fiodh. Tha feum aig a’ cholunn a bhi blàth; agus chroch e a’ ghrian, mar theine mòr, a thoirt solus agus blàs do’n t-saoghal. Tha’n domhan uile, a’ chruinne-cé an saoghal mu’n iadh a’ ghrian, làn de na rinn Dia. Nach léir dhuit ’oibridh anns gach àite? Amhairc air an leabhar bheag so a th’ agam a’ m’ làimh. Tha e làn do dhuilleagan, ’s gach aon dhiubh sin làn do litrichean, air an clòdh-bhualadh orra. Tha h-uile focal ceart, agus ’na àite féin. Cha’n eil mearachd air bith ’san leabhar bheag so. ’Se is ainm dha, an Tiomnadh Nuadh. Cha’n fhac’ thu riamh an duine ’rinn am pàipear, na’n duine ’chuir sa’ chlòdh-bhualaidh e, a chuir gach litir ’na h-àite féin; na’n duine ’chuir an craicionn caorach so mu’n cuairt da, a dh’ fhuigheal e suas, a chuir an t-ainm air a chùl, agus a chuir anns an dreach shnaidhte so e. Cha’n fhac thu a h-aon seach aon dhiubh, ach tha thu làn chinnteach gu’n robh an leithid ann. Cha’n fhaic thu iad, is dòcha, gu bràth; ach tha thu co dearbhta ’sa tha ’n cridhe a’ d’ chom gu’n robh iad, no gu bheil iad beò. Direach mar so, tha fios agad gu bheil Dia ann; oir is Esan a rinn an cotan o’n d’rinn duine na duilleagan, an stugh den d’rinnear an ink; craicionn na caorach a chuireadh uime, agus a th’air a dhath ’s air uidheamachadh co snasmhor. Bha fios aig Dia gu’n gràdhaicheadh tus’ a sholus, agus mar sin chruithich e ’ghrian agus a’ ghealach. Bha fios aige gu ’n gràdhaicheadh tusa nithe bòidheach, taitneach, maiseach; agus mar sin chruthaich e a botha braon ’sna spéuran, chòmhdaich e a’ mhachair le brat àillidh gorm, chruthaich e gach blàth cùbhraidh tha cinntinn, chruthaich e ’choille, agus thug e air meas fàs á craobhan, agus dearcan blasda air na preasan beaga. Bha fios aige gum bu taitneach leat ceòl binn; ’s mar so thug e guth taitneach do d’ mhàthair, agus chàraich e coisridh bhinn anns gach coille a’s anns gach preas—eòin bheaga bhinn nan spéur. Bha fios aig Dia gu’m biodh feum agaibh air tighean; ’s mar so chruthaich e fiodh, a’s clachan, a’s teine. Bha fios aige nach robh do thuigse no do reusan agaibh a threòraicheadh sibh gu dìlinn do néamh, ’s mar sin linn e am Bìobull. Bha fios aige gu’n robh agaibh droch cridheachan, truaillidh, peacach; agus thug e dhuibh Sabaidean. Bha fios aige gu’n robh sibh’ caillte, fo dhìte bàis, eu-comasach air sibh féin a théarnadh, neo-thogarrch pilleadh ’ga ionnsuidh-se; agus gun achaineadh ’s gun iarraidh, thug e a Mhac dhuibh mar Slanuighear, ’s a Spiorad Naomh “chum mothuchadh a thoirt duibh air ’ur cionta agus air ’ur truaighe, a shoillseachadh ar n-inntinn le eòlas Chrìosd, ag ath-nuadhachadh ar toil, agus mar sin ’gar deanamh deònach agus comasach air Iosa Crìosd a dhlù gabhail d’ar n-ionnsuidh, mar a ta e air a thairgse dhuinne gu saor anns an t-soisgeul.” Bha fios aige gum bu mhiannach leibh a bhi beò gu bràth, agus mar sin rinn e nèamh, far am faod sibh a dhi beo gu dìlinn ’s gu bràth, ma dh’ earbas sibh ann an Crìosd, ma tha sibh math agus naomh. Có, ’matà, nach ’eil a’ léirsinn gu bheil an sooghal so làn do Dhia, agus de na nithe a rinnn e? Cha mhò is urrainn dhuibh teagamh ’chuir an so na’s urrainn dhuibh ’bhi fo theagamh am bheil no nach ’eil sùilean aig a’ bhalachan bheag ud mu’m choinneamh, a’s mi ’gam faicinn làn fhosguilte, a’s iad ag amharc orm ’san aodann. Cha’n ’eil teagamh sam bith na amharras orm nach ’eil anam aig gach paisde ris a’ bheil mi a’ labhairt, ged nach fhaca mi an anmanna; oir is léir dhomh mar ’tha an sùilean, an lamhan, an casan, agus an cinn fo ghluasad, agus ’gan cuir gu feum leis an anam a ta annta. Agus a nis, mo chàirdean òg, tha sibh a’ faicinn ’s a’ tuigsinn, tha mi’n dòchas, gu bheil Bith mòr agus glòirmhor mu ’n cuairt duibh, a tha do ghnàth a’ deanamh math, ged nach léir dhuibh e. Nach bu chòir dhuibh, matà, an Dia sin a chuimhneachadh, a ghràdhachadh, agus ùmhlachd a thoirt dha? Nach bu chòir dhuibh smuaineachadh uime ’nuair a theid sibh a luidhe ’san oidhche; oir is Esan a ghabh cùram dhibh ré’n latha, a dhion sibh o cunnart, a bhuilich oirbh gach sochair agus coram a sheilbhich sibh? Aidichibh so, air ’ur glùnaibh tuitibh, agus thugaibh taing d’a ainm. Cuimhnichibh air sa’ mhaduinn a ris; oir is Esan a ghléidh sibh, a dh’ fhair thairis oirbh, a dhùisg sibh, agus a dh’ fhosgail ’ur sùilean chum solus na gréine ’fhaicinn a ris. ’Se ’thug mu’n cuairt nach robh an leabaidh an raoir dhuibh na uaigh. O! guidhibh air gu’n cum e sibh o pheacadh ré ’n latha. Cuimhnichibh air ’nuair a theid sibh am mearachd, ’sa ni sibh nì air bith as an rathad, ma pheacaicheas sibh ann an cainnt, ann an gnìomh, no ann an smuain. Tha ’shùil do ghnàth oirbh. Smuainichibh air ’nuair ’tha sibh tinn, no bochd, no euslan; oir ’s Esan is urrainn ’ur leigheas. Smuainchibh uime air là na Sàbaid, oir ’se féin ’thug an t-Sàbaid dhuibh. O! thugaibh urram da ’ainm àrd agus glòirmhor. ’Se ’thug dhuibh gach beannachd; seadh, am beannachd anns a’ bheil gach beannachd eile fillte steach—Mac a ghràidh gu bàsachadh air ar son. Mo leanabanan beaga, na mheòraich sibh air ’ur teangan an dara Dàn? Mar d’rinn sibh so, foghlumaibh e gun dàil. Cuiridh mi ms a sìos a’ cheud dà rann. Slàn leibh! Amen. Na speuran ard is aillidh dreach, ’S a sgaoil an gorm-bhrat cian a mach, Le ’n reulta dealrach, maiseach, grinn, ’Tha seinn d’ an Chruithear co-sheirm bhinn. Tha ’ghrian gun sgios, o là gu là, A’ sgaoileadh cliù a Dia ’s gach àit’, ’S a’ glaodhaich feadh gach tir fa leth, “Cia treun an Dia ’thug dhomh mo bhith!” —Cuairtear nan Gleann. [TD 135] [Vol. 10. No. 18. p. 7] Oran do Ghlaschu. LE DONNACHADH MAC-A-PHEARSAIN. ’S mi so an Glaschu nam bùithean, Far bheil fasain a’s ioghnaidh gu leoir, Leis na chunnaic mo shùilean, Tha mo chridhe air dùsgadh gu ceol; Sluagh mar sheangain gun àireamh Ruith gach rathad ’s na sràidean nan deann Am measg toit ’s droch fhàile, ’S pailteas fearainn dol fas feadh nan gleann. Ged tha Glaschu cliùiteach Anns na fasain a’s ùire fo ’n ghréin, ’S iomadh trioblaid a’s neoghloin Tha luchd misg toirt dh’ an deoin orra fhéin; Cha ’n ’eil bainne ann ri fhaotainn, An deoch is fearr air an t-saoghal gu leir, Ach beirm làidir a’ chaochain, A’ cur mhnathan is dhaoin’ as an céill. Dol troimh Mhargadh an t-salainn, Far an lionmhor luchd malairt an éisg, ’S iomadh bodachan peallach Bhios a’ seinn air gach ealaidh fo ’n ghréin; Cailleach mhor, bhuidhe, ghris-fhionn ’Figheadh stocaidh a’s piob ann na beul, Ag éigheach, “Sgadan Lochfìne,” ’S i air tùchadh le innseadh nam breug. Ged as àillidh an sealladh, Mnathan uaisle a’ bhaile gu leir Ag imeachd feasgar ’na Sàbaid Air sràid Earraghaidheal nan seud, Sioda comhdach gu’n sàiltean, ’S iad a’ sguabadh na sràid as an deigh, Le gnùis-bhrat ’s cochuill làmh orra, ’S gun na fiaclan slàn ann nan deud. Chi mi caile chinn ghuanaich, Le falt ceannaich a fhuair i an dé, ’S a bhoineid thall cùl a cluasan, Mar tha air adharcan luachrach an t-sléibh; Ged is stuireanach, caol-chasach, Astarach, eutrom a ceum, Cha bhiodh a pogan ach searbh leam, ’S fiaclan tilgte dhaoine marbh ann na beul. ’S bochd an sealladh tha againn Air oidhche Di-sathairne fhéin, Fir a’s mnathan a’ caonnag, ’S an clann leth-rùisgte caoineadh nan déigh, Fuil ga ’n dalladh ’s na sùilean, ’S iad le anacainnt toirt dùlan d’a chéil’; ’S nan deanadh Gàidheil an tùrn ud Bhiodh iad ainmeil nan dùthaich na dhéigh. Iadsan a Phaigh. Iain C. Gillios, Gleann nan Sgiathanach, Aonghas Strachan, St. Esperit. Aonghas Domhnullach, Abhainn Mhuileach Gilleasbuig Mac Fhionghain, Beechmont. Iain I. Mac Philip, Reserve Mines. Uilleam Domhnullach, Marion Bridge. Bean Iain Mhic Citheagain, Horne’s Road. Domhnull Mac Gilleain, Caledonia Mines. Mrs Nic Rath, Abhainn Mheadhonach. D. A. Mac Gill-fhaollain, S. W. Margaree. A. R. Mac Neacail, Barrasois. Iain Mac Fhionghain, Sidni. Uisdean A. Mac-a-Phi, St. George’s, E. P. I. A. D. Mac Leoid, Charlottetown, E. P. I. Eoin Mac Gilleain, Gleann Màrtuinn, E. P. I. Iain C. Domhnullach, Ardness, N. S. Aonghas Sutharlan, Elmsfield, N. S. Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifacs, N. S. A. G. Domhnullach, Antigonish, N. S. Bean Chaluim Mhic Leoid, Springhill, Que. Domhnull D. Mac Leoid, Milan, Que. Domhnull I. Friseil, Vankleek Hill, Ont. Iain Mac-an-Leigh, Fort William, Ont. F. Mac Cuthaig, Victoria Mines, Ont. Iain Mac Gilleain, Spragge, Ont. Iain Dughlach, Sowerby, Ont. Iain T. Domhnullach, Cornwall, Ont. Domhnull Mac Neacail, Ladysmith, B. C. C. L. Smith, Lakeport, N. H. Uisdean Mac Aonghais, Allston, Mass. Iain Domhnullach, Topeka, Kansas. Uilleam Mac Amhlaidh, Seiseadar, Alba. An t-Oillear Masson, Duneideann, Alba. Alasdair Beuton, Alligin, Alba. Probhaist Mac-Rath, Dingwall, Alba. Sop as Gach Seid. NA H-IUDHAICH—Tha aona millein deug Iudhach anns an t-saoghal. Tha sia millein dhiubh sin ann an Ruisia, da mhillein us ceud mile ann an Austria-Hungary, sia ceud mile anns a Ghearmailt, agus dluth air da cheud ’s da fhichead mile ann am Breatunn. Tha e iongantach gu bheil barrachd mor dhiubh ann an Ruisia—an dùthaich a’s motha tha toirt de dh’ ana-ceartas dhaibh—na tha ann an dùthaich sam bith eile. LEABHAR LUACHMHOR—Chuir Righ Phersia o chionn ghoirid gibht luachmhor dh’ ionnsuidh Righ Afghanistan. B’e an gibht a bh’ann “Coran,” leabhar-creideamh nam Mahomedanach, agus cha’n eil teagamh nach e an leabhar a’s luachmhoire tha air an t-saoghal. ’S fhiach an còmhdach a tha air fichead mile punnd Sasunnach. Tha gach taobh dhe’n chorer air a dheanamh de dh’ òr fior-ghlan da òirleach us tri chairteil a thiughad, air am bheil dealbhan ciàbhach air an gearradh, agus anns am bheil coir us ceithir ceud seud luachmhor air an suidheachadh. A REIR NA GAOITHE—Ann an Sumatra ’s ann aig a ghaoith a tha ri shuidheachadh cia fhad ’sa dh’ fheumas bantrach fuireach gun phosadh. Direach an deigh bàis a fir, tha aice ri breid a chrochadh ri crann aig a dorus. Fhad ’sa bhios am bréid sin gun shracadh leis a ghaoith, cha ’n fhaod i, a reir gnàths na dùthcha, posadh; ach a cheud reubadh a chi i air, ged nach biodh e leth an oirlich a dh’ fhad, faodaidh i a culaidh-bhroin a thilgeadh dhith, i fein a dheanamh cho boidheach ’s is urrainn i, agus a cheud fhear a thairgeas a làmh dh’i a phosadh. Naigheachdan. BOCHDAIN ’SA GHEARMAILT—Tha droch thimeannan anns a’ Ghearmailt aig an àm so. Tha taighean mora ceannachd a bristeadh, bancaichean a fàs mi-chinnteach, agus tuarasdail anns gach obair agus ceaird a sior thuiteam. TEINE ANN AM PUGWASH—Bha teine mor ann am bhaile Phugwash, N. S., maduinn Di-dòmhnaich s’a chaidh. Loisg e coig togalaichean fichead, agus tha an call air a mheas aig 35,000. Cha robh ach mu dha mhile dheug dolair de dh’ urrasachadh orra. BARR NAN STAIDEAN—Cha robh am bàrr crithneachd anns na Staidean riamh cho mor ’sa bha e air an fhoghar so. Chaidh seachd ceud gu leth mile buiseal dhe bhualadh. Tha moran de’n t-siol ri bhi air a chur a null do’n Roinn-Eorpa, far nach robh toradh na talmhainn am bliadhna cho trom ’s a b’ àbhaist. CHAILL TAMMANY—Chaill a bhuidhean sin de mhuinntir New York ris an canar Tammany gu h-olc aig an taghadh a bh’ anns a bhaile sin air a choigeamh latha dhe’n mhios. Bha Seth Low air a thaghadh gu bhi na àrd bhàillidh, agus bha iadsan a bh’ air a thaobh cha mhor gu h-iomlan buadhach. Bidh sùil an t-saoghail a nise ri New York feuch ciod an t-ath-leasachadh a ni Low agus a chuideachd ann an cùisean-riaghlaidh na caithir mhoir sin. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM-CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m.Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Didomhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. [TD 136] [Vol. 10. No. 18. p. 8] Tuireadh. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN, NACH MAIREANN. ’S trom mo ghleus air an stùchd Anns an fheasgar chùbhraidh, chéit’, Dealt nan speur a’ teurnadh dlùth, Inneal ciùil am bàrr gach geug. Chrom a’ ghrian, tha ’n iarmailt ruadh, Air cuan mor nan stuadhan àrd; Feuch an long ag éiridh suas,— Mar thannasg fuar i seach a’ snàg. Tha ’n oidhche ’teachd le ’trusgan ciar,— Tha ’n àirde ’n iar air dol ’n a smàl; Thréig an t-seisd ’bha ’m beul gach ian, Gidheadh cha ’n ’eil mi ’triall o’n aird. Tha gach dùil, ’s gach cuileag fhaoin Air gach taobh a’ gabhail tàimh; Ach mise ’am shineadh anns an fhraoch, Fo iomairt smaointean baoth gun stàth. O’n a thàinig mi do ’n t-saoghal ’S beag a rinn mi ’smaointean glic; Mar bhlàth cluarain air an raon, ’Ghluaiseas leis gach gaoth a thig. Gidheadh tha smaointean tiamhaidh, bochd ’Nochd a’ mosgladh ann am chridh’, Tha mar fhàsach falamh, fuar, ’S e gun luaidh air neach, no ni. Cha ’n ’eil agam leannan gaoil, No caraid caomh agam fo ’n ghréin,— Cha ’n ’eil agam bean no clann, No neach a b’ annsa leam na ’chéil’, Amhuil mar bhrùid air a mhagh, Gun eagal Dhé, gun ghràdh, gun dùil; Cha ’n ’eil cùram air mo chridh’, ’S mi gun ni ’s an cuir mi ùigh. Ard-Righ nam feart tionndam riut, A’s air mo ghlùinean guidheam ort,— Deonaich dhomhsa cridhe nuadh,— Eisd ri m’ ùrnuigh thruaigh an nochd. Doirt a nuas do Spiorad caomh,— Ris an t-saoghal bheiream cùl; Dhuit a mhàin, O! thugam gaol, A’ d’ Aon Mhac féin, O! cuiream dùil. Eisd, a Shlànuighear nam buadh, Ri ùrnuigh thruaigh a’ teachd o m’chridh, Tha mo cheum air slighe ’bhàis, ’Thriath nan gràsan sabhail mi. Fios Thun a’ Bhaird. LE UILLEAM MACDHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH. Tha ’mhaduinn soilleir grianach, ’S a’ ghaoth ’n iar a’ ruith gu réidh, Tha ’n linne sleamhuinn sìochail, O na chiùinich stri nan speur. Tha ’n long na h-éideadh sgiamhach, ’S cha chuir sgios i dh’ iarraidh tàmh, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, A’ toirt an fhios so thun a’ Bhàird. Thoir am fios so thun a’ Bhàird, Thoir am fios so thun a’ Bhàird, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. So crùnadh mais’ a mhios’, ’S an teid do ’n dìthreadh treudan bho, Do ghlinn nan lagan uaigneach, Anns nach cuir ’s nach buainear por, Leab-innse buar nan geum, Cha robh mo roinn diubh ’n dé le càch, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise. Thoir am, fios so thun a’ Bhàird. Tha miltean spréidh air faichean, ’S caoirich gheal air creachain fhraoich, ’S na féidh air stùcan fàsail, Far nach truaillear làr na gaoith, An siolach fiadhaich neartmhor, Fliuch le dealt na h-oiteig thlàth, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Tha ’n comhnard ’s coirean garbhlaich, Cors’ na fairg’ ’s gach gràinnseach réidh, Le buaidhean blàthas na h-iarmailt, Mar a dh’ iarramaid gu léir, Tha ’n t-seamair fhiadhain ’s neoinein Air na lointean feoir fo ’m blàth, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Na caochain fhior-uisg’ luath A’ tighinn a nuas o chùl nam màm, Bho lochain ghlan gun ruadhan, Air na cruachan fad’ o’n tràigh, Far an ol am fiadh a phailteas, ’S boidheach ealtan lach ’gan snàmh, Mar a fhuair’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Tha Bogha-mòr an t-sàile Mar a bha le reachd bith-bhuan, A’ morachd maise nàduir, ’S a’ cheann-àrd ri tuinn a’ chuain, A riombal geal seachd mile, Gainmhean siobt’ o bheul an làin, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Na dùilean stéidh na cruitheachd, Blàth ’s ’us sruithean ’s anail neul, Ag altrum lusan ùrail, Air an luidh an driùchd gu sèimh ’Nuair a thuiteas sgàil na h-oidhche, Mar gu ’m b’ ann a’ caoidh na bha, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Ged a roinneas gathan gréine Tlus nan speur ri blàth nan lon, ’S ged a chithear spréidh air àiridh, A’s buailtean làn de dh’ àlach bhò, Tha Ile ’n diugh gun daoine, Chuir a chaor’ a bailtean fàs, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Ged ’thig ànrach aineoil Gus a’ chala, ’s e ’s a’ cheo, Cha ’n fhaic e soills’ o ’n chagailt Air a’ chladach so ni ’s mo; Chuir gamhlas Ghall air fuadach Na tha bhuainn ’s nach till gu bràth, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Ged a thogar feachd na h-Alb’, Is cliùiteach ainm air faich’ an àir, Bithidh bratach fhraoich nan Ileach Gun dol sios ’ga dion le càch; Sgap mì-run iad thar fairge, ’S gun ach ainmh’ean balbh ’na ’n àit, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Tha tighean seilbh na dh’ fhag sinn Feadh an fhuinn ’na ’n càrnan fuar, Dh’ fhalbh ’s cha till na Gaidheil, Stad an t-àiteach, cur a’s buain, Tha stéidh nan larach tiamhaidh A’ toirt fianuis air ’s ag ràdh, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Leig am fios so thun a’ Bhàird. Cha chluinnear luinneag oighean Seisd nan oran air a’ chléith, ’S cha ’n fhaicear seoid mar a b’ abhaist A’ cuir bàir air faiche réidh; Thug ainneart fograidh uainn iad, ’S leis na coimhich buaidh mar ’s àill, Leis na fhuair ’s na chunnaic mise, Biodh am fios so aig a’ Bhàrd. Cha ’n fhaigh an déiceach fasgadh, Na ’m fear astair fois o ’sgios, Na soisgeulach luchd éisdeachd,— Bhuadhaich eucoir, Goill a’s cis; Tha ’n nathair bhreac ’na lùban Air na h-ùrlair far an d’ fhas Na fir mhor a chunnaic mise,— Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Lomadh cearn na h-Oa, An Landaidh bhoidheach ’s Roinn Mhic Aoidh Tha ’n Learga ghlacach ghrianach, ’S fuigheal cianail air a taobh, Tha ’n gleann ’na fhiathair uaine Aig luchd fuath, gun tuath, gun bhàrr, Mar a fhuair ’s a chunnaic mise, Thoir am fios so thun a’ Bhàird. Ma tha thu ’g iarraidh Deagh Bhrogan Obrach a sheasas ri ’n cosg gu cruaidh ri side bhog, theid againn air an toirt dhut. ’S ann againn a gheibhear BROGAN AMHERST an seorsa ’s fhearr a thatar a deanamh. A. W. Redden & Co. ROSS BLOCK. SIDNI. Caradh Uaireadairean, Chlocaichean agus Sheudan ....ANN AN STOR.... K. BEZANSON. Theid iad an urras air gach obair a ni iad....... An Togalach Hanington. SIDNI. Bathar Teine. Bathar a chaidh a shabhaladh o’n teine—iomadh seorsa—beagan dhe na h-uile rud. Bidh e air a chreic Saor, Saor!! Tha aireamh de dheiseachan ’s de chotaichean-uachdair againn a fhreagras air daoine mora. Tha iad againn cho ard ri No. 44. Mills, MacKenzie & Ross. Air an t-Seann Laraich. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto, Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 137] [Vol. 10. No. 19. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DESEMBER 6, 1901. No. 19. Litir a Dun ’ic Uisdein. FHIR A’ PHAIPEAR,—Tha latha no dhà o nach do sgriobh mi ugad. Agus, rud a tha nàdarra gu leòr, is docha gu ’m bi thu ’g ràdh gur e an leisge, no am mi-chùram a th’ orm; no, ma d’ fhaoidteadh, gu ’m bi thu ’smaointean gu ’m bheil an dà dhroch ghalair so orm. Ach innsidh mise dhut an fhirinn gu saor, soilleir, cha b’ e aon chuid an leisge, no am mi-chùram a chum mi gun sgriobhadh g’ ad ionnsuidh, ach a chionn nach robh mi ann an slàinte cho math ’s a b’ àbhaist dhomh. Ged a bha mise uair dhe ’n robh mi cho slàn ris a’ bhreac, dh’ fhalbh an uair sin. Agus cha ’n ’eil agamsa agus agadsa ach feuchainn ri cur suas le gnothaichean na beatha so mar a gheibh sinn iad. A nis, mar a tha cuimhne glé mhath agad fhein, bha mi ’gealltainn gu ’n cuirinn ugad feadhainn dhe na puirt-a-beul a chuala mi an uair a bha mi ’nam Dhonnachadh òg; ach faodar a thuigsinn nach bi sunnd gabhail phort air daoine an uair a bhios iad ann an droch shlàinte, agus a bhios an saoghal ag àr nan aghaidh. Agus rud eile dheth, is ann ré a gheamhraidh, an uair nach bi mòran eile aca ri dheanamh, a bhios daoine, anns an dùthaich so co dhiubh, a’ cur seachad cuid dhe ’n ùine ri ceòl-spòrs, agus ri fearas-chuideachd. Cha ’n ’eil mise ’caitheamh mo bheatha gu diomhanach na ’s mò na tha na Gàidheil chòire, chneasda a tha thall agaibh fein ann an America. Ach b’ e àm a gheamhraidh an t-àm anns am bu ghnàth leis na seana Ghàidheil a bhith gu cridheil, càirdeil, sunndach a’ cur seachad cuid dhe ’n oidhche le fearas-chuideachd gun chron maille ri ’n càirdean. Bha mòran de spiorad na bàrdachd anns na seana Ghàidheil. Dheanadh iad ceathrannan òrain ann an ionad nam bonn mu dheidhinn iomadh rud. Ar neo chuireadh iad facail air fonn fear dhe na puirt a bhiodh iad a’ cluinntinn gu cumanta air an cluich air innealan-ciùil. Is ann air an dòigh so a rinneadh na puirt-a-beul. Is cinnteach gu ’n cuala tu gu ’m bu tric le cuid dhe na Gàidheil a bh’ anns na h-Eileanan an Iar a bhith ’deanamh banais mhagaidh. Cha ruig mise leas a bhith ’g ràdh dad mu dheidhinn so, oir thugadh cunntas seachad m’a dheidhinn anns an sgeul a bh’ anns a’ MHAC-TALLA an uiridh. Ach cha ’n fhoghnadh leis na seana Ghàidheil banais-mhagaidh a dheanamh, ach dh’ fheumadh iad òrain mhagaidh a dheanamh mar an ceudna. Tha mi direach a’ dol a chur fear dhiubh g’ ad ionnsuidh. Tha e air a chur air fonn aon dhe na puirt a bha cumanta anns an àm. Is e ainm a’ phuirt-a-beul so: “A bhanais a bha ’n Iollaraidh.” Is e “Iollaraidh” eilean comhnard a tha air taobh an iar-dheas Uidhist mu thuath. Cha ’n ’eil ann ach talamh gainmhich gu léir. Agus mar is trice, gheibh daoine ann is as dh’ an cois, a h-uile latha eadar leitheach tràghaidh is leitheach lionaidh. Is e, “an t-eilean blath,” is brìgh do ’n ainm Iollaraidh. Is e so an t-ainm a thug na Lochlannaich air an eilean, an uair a thug iad an aire gu ’m b’ ainneamh do shneachda laidhe air a’ bheag a dh’ ùine. So, ma ta, am port-magaidh a rinneadh do bhanais a bha uaireiginn ann an Iollaraidh:— A’ bhanais a bha ’n Iollaraidh, Bha Peigidh Mhor nion Uilleam ann, Bha Donnachadh Dearg, an duin’ aice, ’G an cruinneachadh le music. LUINNEAG:— Bidh fir a’ bhaile farumach, Bidh fir a’ bhaile farumach, Bidh fir a’ bhaile farumach, A’ nochd air banais Dhughaill. Bha Domhull mac Callum Bòdaich ann, Bu mhath gu bruich na feola e; ’N uair dh’ ith e fhein a leor dhith, Thug e ’n corr a dh’ Iain Bàn Stiubhart. Bidh fir a’ bhaile, &c. Bha moran de luchd-fiadhaich ann, Mac Fhionghain mor a Lionacleit, Am Bior a bh’ anns an Iochdar, ’S Ruairidh ciar mac Iain ’ic Fhionnlaidh. Bidh fir a’ bhaile, &c. Bha moran de luchd-cosgais ann— Luchd ghigeachan is choachachan; An t-ìm a bh’ anns na crogaichean ’Ga chosg oir banais Dhughaill. Bidh fir a’ bhaile, &c. Gu ’n robh Ceit Bhraigh-Aoineart ann, Gur nighean chridheil, chaoimhneil i; A h-uile fear a’ faighneachd, Co ’n te ghrinn a bh’ air an urlar. Bidh fir a’ bhaile farumach, Bidh fir a’ bhaile farumach, Bidh fir a’ bhaile farumach, A’ nochd air banais Dhughaill. So na th’ agam air chuimhne dhe ’n phort, ged a bha e gu math na b’ fhaide an uair a rinneadh e. Cha bhiodh e as an rathad dhomh beagan a radh mu dheidhinn nan daoine a th’ air an ainmeachadh ann. Bha Donnachadh Dearg is Peigidh nion Uilleam ainmeil air feadh Uidhist gu léir. An uair a bhiodh daoine fad air ais ann an tùr ’s an tuigse, theirteadh gu ’n robh car ’g an dìth. Agus faodar a ràdh gu ’n robh iomadh car a dhìth Dhonnachaidh is Peigidh. Ach ged a bha car ’g an dìth, tha e coltach gu ’n do ghabh iad tlachd dhe chéile, agus is e ’thainig as a’ chùis gu ’n do phòs iad. Bha aon nighean aca de theaghlach—Seònaid. Agus ged nach robh Seònaid pòsda riamh, bha nighean aice fhein. Bha Seònaid ’s a h-ighean cho fad’ o bhith glic ’s a bha Donnachadh is Peigidh. Anns an àm bhiodh daoine gòrach dhe ’n t-seòrsa dhe ’n robh iad, a’ falbh o bhaile gu bhaile, agus o dhùthaich gu dùthaich, agus a’ tighinn beò mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad air caoimhneas an t-sluaigh. Bha Donnachadh ’na phìobaire, agus gheibheadh e aoidheachd anns gach àite an rachadh e, cha b’ ann a chionn gu ’n robh e ’na phìobaire math, ach a chionn gu ’m bu toigh leis an t-sluagh ceòl-spòrs fhaotainn air a shaillibh. An uair a thòisicheadh e ri seinn na pìoba, bhiodh na droch ghillean a’ brodadh a’ mhàil leis na minidhean ’s leis na snàthadan mora; agus mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, bhiodh e faotainn deuchainn mhòr a ’cumail gaoithe anns a’ mhàl. Bhiodh a shùilean gu sgionnadh as a cheann, agus bhiodh ’aghaidh cho mòr ’s cho cruinn ris a’ ghealaich, a’ seideadh anns a’ ghaothaire. Ach an uair a dh’ iarradh Peigidh air toiseachadh ri seinn na pìoba, dh’ fheumadh e a comhairle ’ghabhail ar neo gheibheadh e laimhseachadh uaipe a bhiodh ’na chuimhne fad iomadh latha. Dh’ fheumadh e bhith cho umhail dhi ’s a bhiodh an luch fo spògan a’ chait. Cha robh àite anns am biodh banais nach biodh Donnachadh is Peigidh ann gun iarraidh gun sireadh. Ach cha d’ iarr duine riamh Donnachadh gu ceòl a sheinn air banais, oir cha b’ aithne dha ceòl ceart a sheinn. Agus b’ ann gus culaidh mhagaidh a dheanamh dhe ’n bhanais a bha ’n Iollaraidh a chuireadh ainm Dhonnachaidh is Peigidh anns a’ phort. B’ e Domhull mac Callum Bòdaich aon eile dhe na h-amadain a bh’ ann an Uidhist mu thuath aig an àm ud. Bha e mòran na bu ghòraiche na Donnachadh is Peigidh. Agus b’ ann air a shon sin a bha e air a ràdh gu ’m b’ ann ris a dh’ earbadh an fheoil a bhruich. Bha Iain bàn Stiubhart a’ fuireach ann an Grimisaidh, eilean a tha air taobh an eara-dheas Uidhist mu thuath. Ged a bha e ’na dhuine bochd, mar a bha gu leòr eile anns an àm, agus mar a tha gu leòr air an latha ’n diugh, bha e cho glic ’s cho tùrail ri fear sam bith eile dhe sheòrsa. Ach chuireadh anns a’ phort e mar a chuireadh feadhainn eile, a chionn gu ’n robh ’ainm freagarrach gus fuaim a chur air an t-sreith mu dheireadh dhe ’n cheathramh ud dhe ’n phort. Cha robh triùir eile ann an Uidhist bu lugha lochd, agus a b’ iomchuidhe ’nan gluasad anns gach dòigh na “Mac Fhionghain mòr a Lionacleit, am Bior a bh’ anns an Iochdar, ’s Ruairidh ciar mac Iain ’ic Fhionnlaidh.” Ach o ’n a bha na h-ainmeannan aca glé fhreagarrach air son a phuirt, chuireadh ann iad. Cha ’n ’eil dearbhadh sam bith gu ’n robh fear seach fear dhiubh air a’ bhanais. O ’n a tha mi ’toirt iomraidh air na daoine so, tha e cho math dhomh dà phort eile a thoirt seachad anns am bheil ainm dithis dhiubh:— Bidh Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh Ciar mac Iain ’ic Fhionnlaidh; Bidh Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh Ciar mac Iain ’ic Fhionnlaidh; Bidh Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh Ciar mac Iain ’ic Fhionnlaidh, Am Bior a bh’ anns an Iochdar ’S Ruairidh ciar mac Iain ’ic Fhionnlaidh. Am Bior, am Bior, am Bior, am Bior, Am Bior is Iain mac Fhionnlaidh, Am Bior, am Bior, am Bior, am Bior Is Iain mac Fhionnlaidh, Am Bior, am Bior, am Bior, am Bior Is Iain mac Fhionnlaidh; Bidh Gillebrighd’ a Paibeil ann A’ bragadaich air urlar. Hum-un-um-bo ’mhic a’ Bhiora, ’Mhic a’ Bhior’ air an robh ’n t-sùith, Hum-un-um-bo ’mhic a’ Bhiora, Tha thu ’n geamhail, tha thu ’n lùib; Hum-un-um-bo ’mhic a’ Bhiora, ’Mhic a’ Bhior’ air an robh ’n t-sùith, Hum-un-um-bo ’mhic a’ Bhiora, Tha thu ’n geamhail, bha thu ’n lùib. Hum-un-um-bo, tha thu ’n geamhail, Tha thu ’n geamhail, tha thu ’n lùib, [TD 138] [Vol. 10. No. 19. p. 2] Hum-un-um-bo, tha thu ’n geamhail, ’Mhic a’ Bhior’ air an robh ’n t-sùith; Hum-un-um-bo, tha thu ’n geamhail, Tha thu ’n geamhail, tha thu ’n lùib, Hum-un-um-bo, tha thu ’n geamhail, ’Mhic a’ Bhior’ air an robh ’n t-sùith. Cho luath ’s a gheibh mi as mo dhrip cuiridh mi port no dhà eile ugad, sin ri ràdh, ma bhios saod agus sunnd orm. B’ fhearr dhuinn gu mor, taobh air thaobh, a bhith ’gabhail phort-a-beul na bhith ’cur seachad an fheasgair, mar a tha cuid a’s aithne dhomhsa, a’ bruidhinn air a h-uile smodal suarach a tha ’m measg dhaoine, agus a’ faotainn beum do ar coimhearsnaich. Is mi do charaide dileas, MAC UISDEIN. Dun ’ic Uisdein, Oidhche Shamhna, 1901. A’ Chathair Fhalamh. (Eadar-theangaichte o’n Bheurla le IAIN). CAIB. III. MU dheireadh thainig am meadhain-oidhche, agus thainig fear an déigh fir air ais, ach cha ’n fhac’ iad Tomas, agus cha mhò a fhuair iad sgeul air a bheò no air a mharbh. Bha cluas ri claisneachd aig gach aon ’s iad an dùil, a h-uile farum chas a chluinneadh iad gur e Tomas a bhiodh ann. Ach theireadh a mhathair an comhnuidh, agus a cridhe glé chràiteach, “Cha ’n e sid idir farum casan mo leinibh-sa; cha ’n e, cha ’n e!” Aig a’ cheart àm bha a sùil air an dorus gun stad, agus cha togadh i a sùil dheth gus an tigeadh an neach a bha ’tighinn, a steach, agus an innseadh e le fuireach sàmhach, agus le aghaidh ghruamaich, nach robh dad aige air son a shaoithreach. An deigh a’ mheadhain oidhche, thill iad uile ach Padraig fhein. Bha fuaim eagallach aig a’ ghaoith; bha ’n t-uisge a’ tighinn a nuas ’na dhòrtaidhean gun fhois gun dìobradh; chluinnteadh fuaim nan aimhnichean a’ dòrtadh a nuas o bhràighe nam beann os cionn eadhoin fuaim na gaoithe. Bha iad an sid ’nan suidhe air an lionadh le bròn is eagal mu ’n fhear a bh’ air chall, ag éisdeachd ri fuaim na gaoithe ’s an uisge. Cha robh guth ri chluinntinn ’nam measg ach osnaich na màthar, caoineadh na cloinne, agus tuireadh trom, goirt na maighdinn a bha ’caoidh Thomais, agus a ceann na laidhe air uchd a h-athar, ’s gun dòigh aca air comhfhurstachd a thoirt dhi. Mu dheireadh chualas an cù a’ comhartaich, agus dh’ aithnich iad gu ’n robh cuideiginn a’ tighinn thun an taighe. Bha h-uile cluas fosgailte, agus a h-uile sùil air an dorus; ach mu ’m b’ urrainn iad a dheanamh am mach gu ’n robh fuaim chas a’ tighinn thun an doruis, “Oh, cha ’n ’eil ann ach coiseachd Phadraig!” arsa bean Phadraig, agus i ag éirigh ’na choinneamh ’s i gul ’s a’ caoidh. “A Sheònaid a Sheònaid!” arsa Padraig, an uair a chaidh e steach, agus a chuir e a lamhan m’ a h-amhaich, “Ciod e so a th’ air tighinn oirnn mu dheireadh?” Thug e sùil mu ’n cuairt an t-seòmair, agus an uair a thug e an aire do ’n chathair fhalamh, air nach suidheadh aon duine, chaidh e air chrith o bhonn gu bathais, ged bu treun, sgairteil e. Chaidh uair an déigh uair seachad, ach cha do sgaoil a’ chuideachd. Cha dùirigeadh iad falbh ann an cabhaig agus an teaghlach brònach fhagail leotha fhein. Bha na pàrantan ri caoidh ’s ri bron, agus bha na càirdean, cha mhòr, cho tùirseach riutha fhein; agus is e fior bheagan comhraidh a bha iad a’ deanamh. “A nàbuidhean,” ars’ Adam Bell, “bidh lath’ ùr againn ’s a’ mhadainn, agus feithidh sinn gus am faic sinn ciod a bheir an latha mu ’n cuairt. Ach anns a’ cheart àm leughamaid cuibhrionn de dh’ fhacal Dhé, agus deanamaid ùrnuigh maille ri chéile, a chum as, co dhiubh a chuireas teachd an latha solus dhuinn air aobhar a’ bhròin a th’ againn a’ nochd no nach cuir, gu ’n éirich Grian na fireantachd le slàinte fo a sgiathaibh araon air cridheachan an teaghlaich a tha fo throm bhròn, agus air cridheachan nan uile a tha làthair.” “Amen!” arsa Padraig ’s e fàsgadh a dhòrn. Agus an uair a thug a charaid làmh air a’ Bhiobull, leugh e an toiseach a’ chaibidil anns am bheil e sgriobhte—“Is fhearr a bhith ann an taigh a’ bhròin na ann an taigh na cuirme,” agus a rithist an earann a tha ’g ràdh—“Is math dhomhsa gu ’n robh mi air mo smachdachadh, oir mu ’n robh mi air mo smachdachadh, chaidh mi air seacharan.” Thàinig a’ mhaduinn, ach cha d’ thàinig guth no iomradh air a’ mhac a bh’ air chall. An déigh do na h-aoidhean slàn fhàgail aig an teaghlach, dh’ fhalbh iad uile dhachaidh ach Adam Bell, agus a nighean. ’Na dhéigh sin chaidh Padraig agus a chuid sheirbhiseach a rithist a shiubhal nam beann agus nam bailtean feuch am faigheadh iad forofhais air an fhear a bh’ air chall. Chaidh laithean is seachdainean is miosan is bliadhnachan seachad, ach cha chualas guth no iomradh air Tomas. Ri ùine dh’ fhalbh tomhas mòr dhe ’n bhròn a bha air inntinnean nam pàrantan, agus bha iad foighidneach fo ’n trom smachdachadh a thàinig orra; ach cha do leig iad air dichuimhn gu ’n do chaill iad an ceud ghin mhic, ged nach d’ fhuaras am mach ciod a dh’ éirich dha. B’ e barail dhaoine ann an cumantas gu ’n deachaidh a chall anns an t-sneachda. Agus theireadh am beagan aig an robh cuimhne air mar a thachair, gur e gnothach glé neo-chumanta ’bh’ ann, agus gu ’m bu duine òg e a bha glé bhras, dàna ’na dhòighean. Bha Nollaig an déigh Nollaig a’ dol seachad, agus bha Padraig Elliot a’ cumail an latha mar bu ghnàth leis mar chuimhne air latha-breith a mhic. A’ cheud bheagan bhliadhnachan an deigh dha a mhac a chall, cha robh aoibhneas no subhachas sam bith am measg nan aoidhean a bhiodh aig a’ chuirm air latha Nollag. Agus bha ’chathair air am biodh Tomas ’na shuidhe aig deas laimh Phadraig falamh. Cha ’n fhaodadh duine sam bith suidhe innte. Ach mar a bha ’n teaghlach a’ fàs suas o bhliadhna gu bliadhna, bha iad beag air bheag a’ leigeadh air dichuimhn gu ’n do chaill iad am bràthair. Bha latha Nollag dhaibh fhein agus do na h-uile a bha mu ’n cuairt dhaibh, ’na latha gàirdeachais, agus thainig iad gu bhith a’ cheart cho mear ’s cho mireagach ri ’n càirdean fhein. Agus bha am pàrantan a’ toirt misnich dhaibh gus a bhith aoibhneach agus subhach ged a bha iad fhein glé thùrsach ’nan cridhe. Chaidh dà bhliadhna dheug seachad, agus thainig latha Nollag mu ’n cuairt mar bu ghnàth leis. Bha e cho neo-choltach ris an latha air an do chailleadh Tomas ri latha Nollag a b’ urrainn a bhith. Bha na beanntan faisge air a bhith cho gorm ’s a bha iad anns an t-samhradh. Ged nach robh a’ ghrian cho teith ’s a bha i anns an t-samhradh, bha i a’ cheart cho boillsgeil agus cho maiseach. Agus bha i ag amharc a nuas air an talamh mar gu ’m biodh i toileach gàirdeachas a dheanamh maille ris. Bha na speuran gorma cho sèimheil coltas ris a chuan an uair a bhios e ’na chadal fo ghathan tlàtha na gealaich. Bha àireamh mhath da chàirdean cruinn ann an taigh Phadraig. Bha a chuid mhac agus na daoine òga eile a bh’ anns a’ chuideachd cruinn air an réidhlein a bha faisge air an taigh, agus iad a’ cur seachad na h-ùine a’ caitheamh an ùird, agus ris gach cluich eile a bha aig an àm cumanta anns an àite. Agus bha an fheadhain a ràinig aois ’nan seasamh ag amharc orra, agus a’ moladh mar a bha iad a’ deanamh. Bha Mac Iain, an tuathanach air an d’ thugadh iomradh roimhe so, ’na dhuine mòr, làidir, agus e mu dhà bhliadhna dheug air fhichead a dh’ aois. B’ ann aigesan a bha urram gach cluich. Uair is uair mar a bha Padraig a’ faicinn a chuid mhac a’ call urram gach cluich, bha a spiorad air a bhrosnachadh mar gu ’m biodh e rithist òg. “Oh!” ars’ esan gu beag ris fhein, agus dorran gu leòr air a chridhe, “na ’n robh Tomas mo mhac beò, chuireadh e am mach fuil a chridhe ’caitheamh an ùird mu ’n leigeadh e buaidh na cluich le aon Mhac Iain a bha riamh ’s an dùthaich!” Am feadh ’s a bha e mar so a’ bruidhinn ris fhein, agus e aig a’ cheart am a’ bagradh ’na inntinn a dhol a chaitheamh an ùird gus a’ bhuaidh a thoirt o Mhac Iain, chunnacas fear a’ tighinn an rathad a bha iad. Dh’ aithnich iad anns a’ mhionaid gur e seòladair a bh’ ann. Bha coltas glé làidir calama air. Bha e mu choig troidhean is naoi òirlich air àirde. Bha ’aghaidh gu math daithearra, agus a reir choltais cha bhuineadh e do ’n rioghachd. Bha coltas glé thlachdar air a ghnùis. Bha falt fada, camlagach dubh sios m’ a chluasan, agus bha pailteas feusaig dhe ’n cheart dath air ’aodann, agus bha so a’ cur coltas car garg air a chruth. Sheas e car tiotadh, agus a lamhan paisgte, far an robh iad a’ caitheamh an ùird agus bha gach aon a bh’ anns a’ chuideachd ag amharc gu dlùth air. Gun chead iarraidh, rug e air an òrd mhor, agus an uair a chuir e uair no dhà mu ’n cuairt a chinn e, thilg e còig slatan e na b’ fhaide na thilg Mac Iain e. “Nach math a fhuaras e!” arsa h-uile duine a bha ’gan amharc. Theòidh cridhe Phadraig ris anns a’ mhionaid, agus bha e le cabhaig a’ dol a bhreith air laimh air a’ choigreach, an uair a thuirt e ris fhein—“Sid direach mar a thilgeadh Tomas mo mhac an t-òrd, na ’n robh e beò!” Shruth na deòir o ’shùilean, agus gun fhacal a radh, ghreas e dh’ ionnsuidh an taighe air eagal gu ’m faicteadh gu ’n d’ thàinig tioma air. Aig cluich an deigh cluich bha ’bhuaidh aig a’ choigreach. Mu dheireadh thàinig teachdaire a dh’ innseadh gu ’n robh an dinnear deas. Bha cuid dhe na h-aoidhean air suidhe aig a’ bhòrd, agus bha feadhain eile a’ dol a steach. Agus mar a b’ abhaist bha Ealasaid Bell ’na suidhe ri taobh bean Phadraig aig a’ bhòrd. Bha i anns an àm ’na lan mhaise, ged a chuir am bròn sgàile air a gnùis. Bha Mac Iain, agus e gle mhi-thoilichte a chionn gu ’n do chaill e buaidh gach cluich, ’na shuidhe ri taobh. Ann an tus a làithean bha eagal air gu ’n tugadh Tomas Elliot Ealasaid uaithe; agus ged nach robh dad aice m’a dheidhinn, bha e gu trang air a tòir, o ’n a bha fhios aige gu ’n robh a h-athair comasach air àireamh mhiltean punnd Sasunnach a thoirt dhi mar thochradh. (Ri leantuinn.) Ubh gun ìm gun salann, ’an ceann sheachd bliadhna thig a ghalar. Ubh na circe ’dol a shireadh ubh a’ gheòidh. Uidh air n-uidh thig an t-slàinte, ’s ’n a tonna mór’ an easlainte. Tiodhlac na cloinne bige, ’g a thoirt ’s ’g a ghrad iarraidh. [TD 139] [Vol. 10. No. 19. p. 3] Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. VII. AN deigh do Abou Hasan a’ ghlaine fhiona ’ol, thug e air te eile dhe na mnathan-uaisle suidhe aig a’ bhord, agus an uair a thairg e dhi rud dhe na measan a b’ fhearr leatha, dh’ fheoraich e dhith ciod a b’ ainm dhi, agus thuirt i ris gu ’n robh Reul na Maidne. “Tha do shuilean briagha,” ars’ esan, “a’ dealradh na ’s boillsgeile na ’n reul o ’n d’ fhuair thu d’ ainm. Bi cho math’s gu ’n toil thu fion g’ am ionnsuidh.” Rinn i so gu h-aoidheil, toileach. An sin thionndaidh e ris an treas mnatha-uasal, do’m b’ ainm Solus an latha, agus dh’ ordaich e dhi fion a thoirt g’ a ionnsuidh mar an ceudna, agus rinn i so. Lean e mar so air iarraidh fiona air te an deigh te dhe ’n t-seachdnar; agus thug se toileachadh mor de ’n righ. An uair a lion na mnathan uaisle gu leir glaine fhiona do Abou Hasan, chaidh an te do ’m b’ ainm Neamhnaid thun an t-soithich fhiona, agus an uair a lion i glaine dheth, agus a chuir i ann beagan dhe ’n fhudar a chuir an’ righ ann dha an oidhche roimhne sid, thuirt i ris; “A Cheannaird nan Creidmheach, tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n gabh sibh a’ ghlaine fhiona so as mo laimh, agus mu ’n ol sibh i, gu ’n toir sibh dhomh a dh’ urram gu ’n eisd sibh rium fhad ’s a bhios mi ’gabhail orain a rinn mi an diugh fhein, agus a tha mi ’smaointean a chordas ribh gle mhath. Cha do ghabh mi riamh fhathast e.” “Le m’ uile chridhe,” ars’ Abou Hasan, agus e breith air a’ ghlaine. “Mar Cheannard nan Creidmheach tha mi ’g aithneadh dhut a ghabhail; oir tha mi ’lan-chinnteach nach deanadh bean-uasal cho maiseach riut oran ach oran a bhiodh gle mhath. Rug a’ bhean-uasal air inneal-ciuil, agus an uair a ghleusaich i gu math e, chliuch i air; agus ghabh i an t-oran air dhoigh cho taitneach ’s gu ’n robh Abou Hasan air a lionadh le aoibhneas anabarrach mor. Thug e oirre a ghabhail a rithist, agus chord e ris cho math ’s a rinn e roimhe. An uair a sguir i, dh’ ol Abou Hasan a’ ghlaine fhiona. Agus an uair a dh’ amhairc e oirre, thoisich e air moladh cho math ’s a rinn i; ach mu ’n do tharr e ach beagan fhacal a radh, thug am fudar a mhothachadh uaithe. Bha ’bheul fosgailte, agus a shuilean duinte, agus bha ’cheann crom air a’ bhord mar gu’m biodh duine a bhiodh air tuiteam ann an cadal trom. Bha e ’na shuain a’ cheart cho trom ’s a bha e an uair a thug an righ dha am fudar an latha roimhe sid. Sheas te dhe na mnathan-uaisle laimh ris gus a’ ghlaine a ghlacadh as a laimh mu ’n tuiteadh i. Chord gnothaichean ris an righ gle mhath, oir bha e ’faicinn agus a’ cluinntinn a h-uile dad a bha ’dol air aghart. An uair a thuit Abou Hasan gu trom ’na chadal, thainig an righ do ’n talla. Dh’ ordaich e an t-aodach rioghail a thoirt bhar Abou Hasain, agus aodach fhein a chur uime; agus dh’ aithn e do ’n t-seirbhiseach a dhol dhachaidh leis, agus fhagail ’na laidhe air an t-sofa anns an t-seomar as an d’ thugadh e, agus dorus an taighe fhagail fosgailte. Thug an seirbhiseach leis Abou Hasan air a mhuin do ’n taigh aige fhein, agus chuir e e far an d’ ordaicheadh dha, agus thill e gun dail gus innseadh do ’n righ mar a rinn e. “Bha Abou Hasan,” ars’ an righ, “a’ miannachadh a bhith ’na righ fad aon latha, a chum gu ’n deanadh e peanas air sagart na h-eaglais a tha dluth do ’n taigh aige, agus air a’ cheathrar sheann daoine a bha ’cur mi-ghean air. Thug mi dha comas air so a dheanamh, agus bu choir gu ’m biodh e riaraichte.” Aig a’ cheart am bha Abou Hasan ’na laidhe air an t-sofa far an d’ fhag seirbhiseach an righ e. Chaidil e gu trom gus an robh greis dhe ’n mhadainn air a dhol seachad. An uair a chaill am fudar a bhrigh, dhuisg Abou Hasan, agus bha ioghnadh gu leor air an uair a chunnaic e gu ’n robh e ’na thaigh fhein. Thoisich e air gairm air an ainm air na mnathan-uaisle a chunnaic e ann an luchairt an righ, agus air iarraidh orra tighinn far an robh e. Bha e ’g eigheach cho ard ’s gu ’n cual’ a mhathair e anns an t-seomar aice fhein, agus an uair a thainig i ’na ruith far an robh e, thuirt i, “Ciod a tha ’cur ort, a mhic? Ciod a dh’ eirich dhut? An uair a chuala Abou Hasan na briathran so, thog e a cheann, agus sheall e air a mhathair gu proiseil, agus thuirt e: ‘Mo dheadh bhean! co ris a tha thu ’g radh mac?” “Co ris ach riut fhein,” fhreagair a mhathair gu ciuin; “nach tu Abou Hasan mo mhac? Is e gnothach neonach gu ’n leigeadh tu thu-fhein air dichuimhn’ cho luath.” “An e gur e mise do mhac, a shean sgraoit!” fhreagair Abou Hasan. “Tha thu mearachdach, agus cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh! Tha mi ’g innseadh dhut nach mise Abou Hasan. Is mi Ceannard nan Creidmheach?” “Duin do bheul, a mhic,” fhreagair a mhathair; “shaoileadh duine a chluinnneadh do bhruidhinn gur e dearg amadan a th’ annad.” “Cha ’n ’eil annad fhein ach seann oinseach,” ars’ Abou Hasan; “bha mi ’g innseadh dhut aon uair eile gur mi Ceannard nan Creidmheach, agus fear ionaid Dhe air an talamh!” “Ah! ’mhic,” ghlaodh a mhathair, “am bheil e comasach gu ’m bithinn ’gad chluinntinn a’ labhairt bhriathran a tha ’nochdadh gu ’m bheil thu air a dhol as do rian! Ciod e an droch ghne a tha ’toirt ort a bhith ’bruidhinn air an doigh sin? Gu ’m beannacheadh Dia thu, agus gu ’n gleidheadh e thu o chumhachd Shatain. Is tu mo mhac Abou Hasan, agus is mise do mhathair.” An deigh dhi greis a thoirt air reusanachadh ris feuch an tugadh i gu ’chiall fhein e, agus an leigeadh i ris dha cho fada cearr ’s a bha e ’na bheachd, thuirt i ris, “Nach ’eil thu ’faicinn gu ’m bheil thu ’nad sheomar fhein, agus nach ’eil e coltach ri seomar a bhiodh ann an luchairt an righ? Bha thu ’cadal anns an t-seomar so riamh o rugadh tu. Smaoinich gu curamach air na tha mi ’g radh, agus na bi ’smaoineachadh air nithean nach robh riamh ann, agus nach mo a bhitheas. Aon uair eile, a mhic, smaoinich air a’ chuis gu curamach.” Dh’ eisd Abou Hasan gu foighidneach ris a h-uile facal a thuirt a mhathair ris. Bha ’cheann crom, agus a dha laimh fo ’smig, mar gu ’m biodh e ’dol fo ’smaointean feuch am faigheadh e ’mach co dhiubh bha no nach robh na chunnaic ’s na chual’ e fior. Mu daeireadh thuirt e ri ’mhathair, agus e mar gu ’m biodh e air dusgadh a cadal trom: “Tha mi ’creidsinn gu’m bheil thu ceart. Tha mi ’smaointean gur mi Abou Hasan, gur tusa mo mhathair, agus gur e so mo sheomar fhin.” An uair a dh’ amhairc e gu dluth oirre, agus air a h-uile rud a bha mu ’n cuairt air anns an t-seomar, thuirt e: “Cha ’n ’eil teagamh nach mi Abou Hasan, agus cha ’n urrainn mi thuigsinn cia mar a chinnich na smaointeanan ud ’nam cheann.” Bha ’mhathair a lan-chreidsinn gu ’n robh inntinn a mic air stoldachadh, agus o ’n a bha i ’smaointean gur e bruadar a chunnaic e, thoisich i ri gaireachdaich comhladh ris, agus ri cur cheisdean air mu dheidhinn a’ bhruadair. Agus am feadh ’s a bha i ’labhairt ris, ghrad dh’ eirich e, agus an uair a dh’ amhairc e le gruaim oirre, thuirt e, “A sheana bhuidseach, cha ’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Cha mhise do mhac, agus cha tusa mo mhathair. Tha thu ’g ad mhealladh fhein, agus b’ aill leat mise a mhealladh mar an ceudna. Tha mi ’g innseadh dhut gur mi Ceannard nan Creidmheach, agus cha teid agadsa gu brath air a thoirt orm a chreidsinn nach mi!” “An ainm Dhe, a mhic,” ars’ a mhathair,“sguireamaid dhe ’n bhruidhinn so. Cuir thu fhein air churam Dhe, air eagal gu ’n tig mi-fhortan ’n ar rathad; labhramaid mu rud eiginn eile. Innsidh mi dhut mar a thachair an de do ’n t-sagart a th’ anns an earrann so dhe ’n bhaile, agus do ar ceathrar choimhearsnach. Thainig ard-bhreitheamh a’ bhaile, agus an uair a rinn e greim orra fhuair iad moran bhuillean uaithe le slait. Bha fear a’ falbh air feadh a’ bhaile ag eigheach: ‘So am peanas a nithear air na h-uile a bhios a’ gabhail gnothaich ri rud sam bith nach buin dhaibh, agus bhios a’ feuchainn ri aimhreit a thogail eadar na coimhearsnaich.’ ’Na dheigh sin thugadh troimh shraidean a’ bhaile iad, agus dh’ ordaicheadh dhaibh gun tighinn gu brath tuilleadh do ’n chuid so dhe ’n bhaile.” Cha robh smaointean aig mathair Abou Hasain gu ’n robh lamh sam bith aig a mac anns an obair so, agus air an aobhar sin dh’ innis i dha m’ a dheidhinn, an duil gu ’n togadh i ’inntinn bhar nam beachdan amaideach a bha e ’g arach. Ach an aite ’inntinn a thogail bhar a’ gnothaich is ann a tharruinn i ’aire g’ a ionnsuidh na bu mho na bha i riamh. Cha bu luaithe ’chuala Abou Hasan an naigheachd a dh’ innis a mhathair dha na ghlaodh e: cha mhi aon chuid Abou Hasan, no do mhac-sa. Is mi gu deimhin Ceannard nan Creidmheach. Cha ’n urrainn mi teagamh a chur ann an deigh na dh’ innis thu dhomh. Biodh fhios agad, ma ta, gu ’m b’ ann le m’ ordugh-sa a rinneadh peanas air an t-sagart agus air a’ cheathrar eile. Agus tha mi ’g innseadh dhut gur mi Ceannard nan Creidmheach gun teagamh sam bith; agus air an aobhar sin, na bi ’g radh rium tuilleadh gur e bruadar a chunnaic mi. Bha mi ’nam dhusgadh a’ cheart cho math ’s a tha mi ’n drasta. Tha thu ’toirt toileachadh dhomh an uair a tha thu ’g innseadh dhomh gu ’n do chuir breitheamh a’ bhaile gu cothromach ann an gniomh an t-ordugh a thug mise dha. Agus tha mi ro thoilichte gu ’n d’ fhuair na cealgairean ud am peanas a thoill iad. B’ fhearr leam gu ’n robh fhios agam cia mar a’ thainig mi ’n so. Moladh gu ’n robh do Dhia air son nan uile nithean! Is mi Ceannard nan Creidmheach gun teagamh sam bith, agus cha ’n urrainn dutsa toirt orm a chaochladh a chreidsinn.” Cha b’ urrainn a mhathair idir a thuigsinn c’ar son a bha Abou Hasan ’ga dheanamh fhein cho lan-chinnteach gu ’m b’ e fhein air righ, agus uime sin cha robh teagamh sam bith aice nach robh e air a dhol gu buileach as a chiall. Thuirt i ris: “Guidh air Dia, a mhic, gu ’n deanadh e trocair ort! An ainm an aigh sguir dhe ’n bhruidhinn gun doigh a th’ ort. Guidh air Dia gu ’n tugadh e mathanas dhut, agus gu ’n tugadh gras dhut gu labhairt na ’s reusanta na tha thu ’deanamh. Ciod a theireadh sluagh an t-saoghal nan cluinneadh iad gu ’m bheil thu ’labhairt (Air a leantuinn air taobh 142). [TD 140] [Vol. 10. No. 19. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, DESEMBER 6, 1901. EILEAN CHRETE. GUS o chionn tri bliadhna air ais bha an t-eilean so fo riaghladh na Tuirce. Ach mu ’n àm sin rinn na h-eileanaich ceannairc, agus an deigh moran fala dhòrtadh chaidh rioghachdan mora na h-Eòrpa ’san eadraiginn. Thugadh Crete bho ’n Tuirc, agus thugadh féin-riaghladh do ’n t-sluagh, fo uachdaranachd Prionnsa Deòrsa na Gréige. Bha sin ri mairsinn tri bliadhna, agus tha ’n ùine sin a nis air ruith. Tha na Creitich fhéin, cho math ri Prionnsa Deòrsa, toileach gu ’m biodh an t-eilean air a ghabhail a stigh fo chrùn na Gréige. Tha riaghladh na Gréige mar an ceudna toileach; ach tha na rioghachdan mora an aghaidh atharrachadh sam bith a dheanamh aig an àm so, agus gus am bi iad de bheachd eile, bidh Crete air a riaghladh mar a bha i re nan tri bliadhna chaidh seachad. Tha na Creitich de ’n aon sluagh, de ’n aon chainnt, ’s de ’n aon chreideamh ris na Greugaich, agus cha ’n eil teagamh nach tig iad ri ùine gu bhi fo ’n aon riaghladh. AN RIGH ’S A THIOTAL. A REIR an achd a thug a’ Phàrlamaid am mach air an t-samhradh a dh’ fhalbh chuir an Righ am mach o chionn mios iomradh ùr mu ’n dòigh ’s mu ’n tiotal fo ’m bi e air ’aithneachadh ’s air ’aideachadh aig an tigh is thairis. Theirear ris o so a mach Rìgh Bhreatuinn Mhòir is Eirinn le gràs Dé, is Impire India, Fear-dìon a’ Chreidimh, is nan Crìochan Breatunnach thar nan Cuantan. Tha so air a chur am mach am Beurla ’s an Laidionn, agus bidh an tiotal so ri leughadh ás a dhéigh so air gach bonn òir, airgid, is umha a bhios air an cùineadh o’n àm so. Tha e air a thuigsinn mar an ceudna gu’m bi an t-Oighre, Diùc Chornwall is York, a’ faotainn ann an ùine gheàrr an t-seann ainm ’s an tiotal a bha aig ’Athair gus an d’ thàinig e gus an righ-chathair. Bha gluasad mòr an taobh deas Shasuinn is an Lunnainn ’nuair a rànaig an t-Oighre òg ’s a Bhean cladach Bhreatuinn gu sàbhailte. Chìteadh an sud anns an aon charbad an t-Athair, am Mac agus an t-Ogha; agns bu mhòr tlachd an t-sluagh anns an fheadhainn bheaga.—Oban Times. GAIDHEIL CHANADA. THA na Gaidheil ann an Canada na ’s cumhachdaiche, agus barrachd dhiu anns gach dreuchd ard agus fhogluimte, thar sluagh ’s am bith eile ’s an duthaich, a reir an aireamh, agus tha meas agus iarrtas orra da reir. Agus ciod a rinn sin, an aghaidh gach cruaidh-chàs agus anacothrom a bha nan aghaidh air gach doigh, an coimeas ri sluagh eile na dùthcha? Cha’n e bhi caitheamh an uine le misg agus lunndaireachd, (ni a tha cuid ro ealamh air a bhi cur as an leith agus air am bheil cuid diubh ciontach, cho math ri daoine eile), ach ’s e dichioll, ionracas agus stuaimeachd, maille ri ’n ard bhuadhan naduir agus inntinn, a choisinn dhoibh am meas agus an cliu a tha aca a nise anns gach aite. ’S e so ’n diugh staid nan Gaidheal ann an Canada, agus faodaidh sinn a radh le firinn air feadh an t-saoghail gu leir, cho fad ’s a tha cunntas againn, ach ann an duthaich am breith, agus tha e leigeadh ris dhuinn ciod a tha iad comasach air a dheanamh ’n uair a bhios an cothrom aca; agus ’s e ar guidhe agus ar n-urnuigh dhurachdach nach ann air ais a theid iad. SEALLADH MOR GHLASCHU. THAINIG an sealladh mor so gu crìch o chionn ghoirid, agus tha e ’na aoibhneas do mhuinntir a’ bhaile mhoir ud agus do Albainn gu léir gu ’n robh soirbheachadh math ’na lorg. Anns na seòmraichean ’s na cearnan grinn riomhach ud chiteadh moran do eachdraidh ’s do thoradh Eanchainn Gall is Gàidheal; agus tha e ’na thaitneas a bhi cluinntinn gu ’n d’ thàinig beairteas is onoir an deigh na h-oidhirp airidh ud a tha ’na cliù do ’n dùthaich. An déigh gach ni a bhi air a phàigheadh bidh suas ri ceud mìle punnd Sasunnach an làmhan an luchd-riaghlaidh. Tha so ’na aobhar moladh sònruichte ’nuair a chuimhnichear nach robh ach call mor co-cheangailte ri Seallaidhean do ’n aon t-seòrsa feadh an t-saoghail. Chunntadh suas ri aon mhuillein deug gu leth a chaidh a steach ré nam miosan a bha an sealladh greadhnach ud fosgailte. Tha e air a ràdh gur h-e aon do na nithean anns an do ghabh an sluagh tlachd àraidh ceòl a bha ’g an tarruinn là an déigh là an déigh a chéile. Tha so cuideachd ’na aobhar chliù do ar seann rìgheachd. LATHA TAINGEALACHD. B’ E Diordaoin s’a chaidh Latha Taingealachd. Tha iomadh aobhar aig muinntir na dùthcha so air an taingealachd a nochdadh air son na sochairean, aimsireil agus spioradail, a tha air am buileachadh orra anns a bhliadhna a chaidh seachad. Tha an dùthaich so, da rireadh, ann an suidheachadh math aig an àm so. A tuath ’s a deas, an iar ’s an ear tha sìth ’us sàmhchair eadar duine ’us duine. Agus tha Canada a toirt taing do ’n Uile-chumhachdach gu bheil cùisean mar a tha iad. Tha ar nàbuidh, na Stàitean, air adhartas mor a dheanamh mar an ceudna. Ged a tha e duilich ri innseadh gu bheil moran dhe ’n dòigh fhéin aig an t-sluagh sin—sin ri ràdh, gu bheil àireamh dhiubh a gabhail an lagh nan lamhan fhéin—a mortadh ’s a crochadh na daoine dubha, ni a tha toirmeasgte leis an lagh, gidheadh tha soirbheachadh air tighinn air an dùthaich ann an dòigh no dha. Agus tha fear aig an stiùir a tha comasach agus a ni na tha na chomas gus cùisean a dheanamh gu math. Ged a tha an cogadh ann an Africa mu dheas fhathast gun chriochnachadh, tha gnothuichean na dùthcha sin a dol air adhart na ’s fhearr, agus cha ’n ’eil teagamh nach bith sìth anns an dùthaich sin ann an ùine gun a bhi fada. Cha ’n urrainn dhuinn dichuimhn a dheanamh ’s a cho-dhunadh air a mhnaoi mheasail sin nach maireann, banrigh Bhictoria. Thainig beatha eireachdail gu crioch nuair a dh’ eug ise; agus bha an righ-chathair air a lionadh le a mac, a tha cho fad so a deanamh a dhleasdanais gu math ’s gu ro mhath. AN GEANCACH ’S AN T-ALBANNACH. THA moran sluaigh ’san t-saoghal dhe ’n bharail gur h-e an Geancach fear-gnothuich a’s tapaidhe tha ri fhaotainn, agus cha’n eil duine cho daingeann ’sa bharail sin ris a’ Gheancach fhéin. Is ann uair gle ainneamh a theid na h-Albannaich a choimeas ris anns an dòigh sin; ach nochd a bhliadhna so gu bheil an t-Albannach, ann an cuid de ghnothuichean co-dhiu, fad air thoiseach air a Gheancach. Bha féill mhor aig muinntir nan Staidean fad an t-samhraidh s’a chaidh ann am baile Bhuffalo. Miosan mu ’n deach a fosgladh bha a h-ainm air a sheirm fad us farsuinn anns gach cearna dhe ’n t-saoghal, agus bha gach dichioll air a chleachdadh a chum sluagh a tharruinn ga h-ionnsuidh. An uair a chaidh a fosgladh cha robh na geatachan air an dùnadh air Sàbaid no air lath’ eile, agus bha cluichean agus seallaidhean ri ’m faicinn nach robh buileach cho beusach ’s bu mhiann le cuid fhaicinn, ach a bha air an cumail suas air son gràisg nam bailtean a tharruinn. Cha robh dòigh no innleachd nach robh air fheuchainn air son sluagh mòr a chruinneachadh agus air son toirt orra an làmhan a chur gu domhain sios na ’m pòcaidean an deigh dhaibh tighinn. Aig an àm cheudna bha Feill mhor eile dol air adhart ann an Glascho. Bha i sin dùinte bho fheasgar Di-sathairne gu maduinn Di-luain na h-uile seachdain; cha robh cluichean no seallaidhean mi-iomchuidh sam bith ri ’m faicinn ann, agus cha robh spàirn mhor sam bith air a dheanamh a chum sluagh a tharruinn g’a h-ionnsuidh. Bha i air a cumail air adhart gu h-iomlan a reir an t-seann fhasain; ach an deigh sin uile rinn baile Ghlascho mu cheithir ceud mile dolair a bharrachd air na phàigh a cosguis. Agus ciamar a chaidh le luchd-riaghlaidh Feill mhor nan Staidean? Chaidh iad ceithir millein dolair ’s na fiachan! Chaill iad a dheich uiread ’sa bhuinig muinntir Ghlascho. Cha ’n fhaodar a chreidsinn co-dhiu, gu ’n caill na Geancaich an cliù mar luchd-gnothuich air sàilleabh so. Tha an t-ainm aca o chionn iomadh bliadhna. Agus mar is math a tha fios againn, “Am fear a gheibh ainm na moch-eirigh, faodaidh e laidhe anmoch.” GU ma fada beò ar caraid dìleas IAIN! Gheibhear ann an cearn eile dhe ’n àireamh so naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd air an sgriobhadh leis, agus anns an ath àireamh gheibh ar leughadairean litir uaithe. B’ fhearr leinn gu robh fichead no dha dhe sheòrs’ againn; na ’n robh cha bhiodh dìth no deireas air MAC-TALLA. Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ur dha! Treas sonas mhic an tuathanaich, nighean air a’ chiad chloinn. [TD 141] [Vol. 10. No. 19. p. 5] Naigheachdan. BAS LE TUITEAM GUAIL—Bha fear Tomas Calvary, a mhuinntir a Bhras d’Oir Bhig, air a mharbhadh aig a’ Mheinn a Tuath Di-mairt s’a chaidh. Bha e ’g obair mu inneal nighe a ghuail, agus air dha bhi anns an amar ’s am bheil an gual glan air a chumail, nuair a dhòirt mu dheich tunna fichead guail air a mhuin. Bha e air a thiodhlacadh beò ann, agus mu ’n d’ fhuaireadh a ruigheachd ’sa thoirt as bha e marbh. Cha robh ann ach gille òg, mu fhichead bliadhna dh’ aois. SGIORRAIDHEAN SEILG—O’n thòisich àm an t-seilg ann an staid Maine bha da dhuine dheug air an tilgeadh am mearachd. Tha moran de na sealgairean cho ealamh gu losgadh ’s nach stad iad ri fhaicinn co dhiubh is fiadh no cearc-thomain no duine tha gluasad ’sa choille rompa. ’S ann air an dòigh sin a tha a mhor chuid de na sgiorraidhean a tachairt. Tha càin mile dolair ga chur air duine bhios ciontach de laimhseachadh airm gu mi-chùramach; ach cha mhor feum a ni càin do ’n duine theid a mharbhadh. SGIORRADH BASMHOR—Bha gille òg d’ am b’ ainm Domhnull Mac-a-Phi air a mharbhadh Di-sathairne s’a chaidh le tuiteam bhar mullach taigh-na-cùrtach air an robh e ’g obair. Sheas e air ceann bùird fo nach robh taic sam bith, agus thuit e mu leth-cheud troigh dh’ ionnsuidh an làir. Cha robh e beò ach mu leth-uair an deigh dha tuiteam. Cha robh e ach mu shia bliadhn’ deug a dh’ aois. Bu mhac e do Alasdair Mac-a-Phi a bha roimhe so a’ fuireach aig na Forks. Bha e air a thiodhlacadh ann an cladh na Forks maduinn Di-luain. FEILL HALIFACS—Tha féill gu bhi ann a Halifacs air an fhoghar s’a tighiun mar is àbhaist, ach bidh i air a cumail na’s tràithe—mu dheireadh ceud mhios an fhoghair. Cha do phàigh féill na bliadhna so, no faisg air; chailleadh mu ochd mile dolair oirre. Ma chaillear an uiread sin air féill ’na bliadhna tha tighinn, cha ’n eil fhios nach sguirear ga ’n cumail uile gu leir. Cha ’n eil a mhor-chuid de shluagh Nobha Scotia a faotainn feum sam bith dhiubh, agus mar sin cha ’n eil aobhar mor air a bhi cur na dùthcha gu cosguis ga ’n cumail suas. AOIS MHOR—Dh’ eug bean Choinnich Dhomhnullaich anns an Eilean Mhor air an deicheamh latha dhe ’n mhios so. Bha i ceud bliadhna ’s a tri a dh’ aois. Anns a bhliadhna 1833 thàinig i fhein ’s a companach, maille ri ’n cuid cloinne, dha ’n duthaich so á Eilean Leodhas, agus rinn iad dachaidh dhaibh fhein aig Big Bras d’Or. Bha i ’na ball do ’n Eaglais Chléireach corr ’us tri fichead bliadhna, agus gus o chionn beagan bhliadhnachan dh’ fhalbhadh i dh’ a cois do ’n eaglais, astar shia mile. Dh’ eug a companach o chionn ochd bliadhna deug air ais. B’e a mac, Iain, a tha dall, a rinn a chiste anns na chàradh a corp. ’S e saor a th’ ann, agus theirear ris gu cumanta “An saor dall.” A bharrachd air a sin tha e ’na dheagh ghriosaiche. Bidh e ’cur ioghnadh air ’na coimhearsnaich cho innleachdach ’s a theid e an ceann a ghnothuich. BATHADH MULADACH—Rinneadh bàthadh muladach aig Grand Grave, faisg air St. Peters, Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha triùir nigheanan beaga le William Lafiord air am bàthadh ann an loch uisge faisg air an taigh. Bha am pàrantan ’s an eaglais aig an àm, agus an deigh dhaibh tighinn dhachaidh cha dug iad fa-near nach robh a chlann mu ’n taigh gu àm dinnearach. Chaidh am bràthair an sin ga ’n iarraidh, agus air dha a dhol rathad an locha, chunnaic e an deigh briste, agus còmhdaichean-cinn dithis dhiubh air an deigh faisg air an àite bha briste. Bha an triùir bàthte ann an doimhneachd ceithir troighean de dh’ uisge. Thatar a’ smaoineachadh gu’n deach iad a chluich air an deigh nuair a bha chuid eile dhe’n teaghlach anns an eaglais, agus cha robh an deigh làidir gu leor gus an cumail. Cha robh iad ach seachd, naodh agus aona bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha iad air an tiodhlacadh Di-màirt, agus b’e an tòrradh an sealladh bu mhuladaiche a chunnacas riamh ’sa choimhearsnachd. Tiugainn, ars’ an Righ; Fuirich, gus am faod, ars’ a’ Ghaoth. A BHREAC ANN AN ST. JOHN—Gu ruige so bha mu thri fichead tinn leis a’ bhric ann am baile St. John, N. B., agus chaochail tri deug dhiubh sin. Tha luchd-riaghlaidh a’ bhaile a’ deanamh an dichill air cur as do ’n euslaint mhosaich, ach tha sin gu math doirbh a dheanamh. MU ’N MHAC-TALLA—Bha am fear-deasachaidh tinn o chionn thri seachdainean, agus fad corr us da sheachdain dhe’n ùine sin gun chomas obair sam bith a dheanamh. Tha an àireamh so dhe’n MHAC-TALLA mar sin seachdain air deireadh. Tha sinn duilich gu bheil cùisean a dol nar n-aghaidh cho tric air an fhoghar so, ach tha dòchas againn nach tachair mar so tuilleadh. MORT ANN AN CUMBERLAND—Aig Fisherman’s Cove, an siorrachd Chumberland, N. S., chaidh dithis dhaoine d’ am b’ ainm Iain agus Seumas Spicer bhar a cheile Di-sathairne s’a chaidh ’s iad ag obair anns a’ choille. Loisg Seumas air an fhear eile, dh’ fhag e marbh e agus chaidh e ga thoirt fhein suas. Tha e ’g radh gu’n dug am fear a chaidh a mharbhadh ionnsuidh air le tuaigh, ’s gu’m b’ fheudar dhasan logadh air gus e-fhein a shabhaladh. Bha iad a mach air a cheile a thaobh crioch an fearainn o chionn grunnd bhliadhnaichean. Tha Seumas Spicer na dhuine car neònach, agus bha e aon uair as a rian. Bha an duine marbh thairis air tri fichead us deich bliadhna dh’ aois. LA FHEILL ANDRAIS—Cha robh an latha so air a chumail air dòigh sam bith ann an Sidni am bliadhna. Bha dinnear aig sliochd na h-Alba ann an Glace Bay air oidhche Di-haoine, a bha gle shoirbheachail. Agus oidhche Di-luain bha cruinneachadh Gàidhealach ann am Bridgeport nach robh, tha sinn a’ creidsinn a leithid riamh an Ceap Breatunn. Bha ceòl, dannsa agus cluichean aca a bha toirt seann eachdraidh agus chleachdaidhean nan Gàidheal gu cuimhne, agus a thaitinn gu fior mhath ris an luchd-eisdeachd. Tha iadsan a bha air chùl a’ chruinneachaidh so airidh air moladh air son an dilseachd mar Ghàidheil, agus tha sinn an dòchas nach sgithich iad anns an deagh obair. REISEAMAID EILE—Tha Canada a’ dol a chur buidheann eile de shaighdearan do Africa mu Dheas,—sia ceud duine. Tha iad ri bhi air an togail ann an Canada, ach ’s i Breatunn a phàigheas an cosguis fhad ’sa bhios iad air falbh. Tha moran anns an dùthaich so nach eil toilichte chùis a bhi mar sin. Tha iad ’sa bharail gu ’m bu chòir do Chanada a cuid shaighdearan fein a phaigheadh, agus cha ’n eil iad a meas gur ni mor sam bith do ’n dùthaich a bhi cur dhaoine do ’n chogadh gun an cosguis a ghiùlan. Tha uallaichean troma aig muinntir nan Eileanan Breatunnach ri ghiulan, agus tha làn àm aig Canada gabhail os laimh cuid de chosguis dion na h-Impireachd a phaigheadh. Mar a tha, tha an dùthaich mhàithreil ga dion air muir ’s air tir gu saor agus a nasgaidh. Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd. BHA samhradh is foghar aig daoine anns a’ Ghaidhealtachd cho math ’s a chunnacas o chionn iomadh bliadhna. Bha ’m barr glé mhath, agus fhuaradh a chur fo dhion gun domail sam bith. Thainig an geamhradh oirnn na bu luaithe na bha sinn an dùil. Thainig stoirm mhor air na tri rioghachdan Di-mairt so ’chaidh a rinn call mòr air muir ’s air tir. O’n a b’ ann o’n àird an ear-thuath a bha ghaoth, cha d’ rinneadh ach beagan calla anns a’ Ghàidhealtachd. Ach air taobh an ear Alba rinneadh call mòr. Tha na paipearan-naigheachd o chionn dà latha a’ toirt cunntas air na rinneadh de chall air muir ’s air tìr. Bha ’ghaoth a’ deanamh dluth air tri fichead mile ’san uair an uair a bha ’n stoirm ’na h-àirde. Agus mar a tha gu tric a’ tachairt an uair a tha stoirm a’ tighinn o’n àird an ear-thuath, bha ’ghaoth a’ tighinn ’na h-osnaichean anabarrach trom an drasta ’s a’ rithist. Mhair an stoirm mu cheithir uairean fichead. An deigh na stoirme thainig sneachda trom oirnn. Cha ’n ’eil cuimhne aig duine beò air sneachd cho trom ris fhaicinn mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. Ach tha sinn an dòchas nach mair e fada o nach ’eil a’ bheag de reothadh ’na chuideachd. Bha prìsean anabarrach math air a h-uile seòrsa spreidhe fad a’ cheud chuid dhe ’n t-samhradh. Agus bha daoine an dùil gu ’m maireadh iad gu math fad na bliadhna. Ach bha ’n tioramachd cho mor ann an Sasunn, agus air taobh a’ deas na h-Alba ’s gu ’n robh am feur ’s an t-arbhar ’s an turneip glé ghann ann an iomadh àite. Cha bhi prìs mhath uair sam bith air spreidh mur bi na dròbhairean Gallda a’ tighinn an rathad. Agus mur bi samhrachadh is geamhrachadh gu leor aig na tuathanaich mhòra ’san taobh deas, cha bhi faighneachd cho math air spreidh. Tha ’n t-iasg anabarrach gann. Tha iasgairean nan lion-sgrìobaidh (trawlers) an deigh dolaidh mhor a dheanamh mor-thimchioll nan eileanan Gàidhealach. Ged a tha ’n lagh an aghaidh dhaibh tighinn na ’s dluithe na trì mìle do ’n chladach, tha iad a’ bristeadh an lagha so anabarrach tric a dh’ aindeoin na bheil bàtaichean a’ Chrùin a’ deanamh gus an cumail an taobh am muigh dhe na criochan. Tha iomadh aon diubh air an glacadh, agus càin throm air a leagadh orra, ach tha cuid mhòr dhiubh a’ faotainn teicheadh air falbh an deigh dhaibh an t-olc a dheanamh. An uair a sgrìobas iad leotha na bheil a dh’ iasg beag, òg air na h-oitrichean air am bheil an t-iasg a’ cladh, agus air am bheil an t-iasg òg air ’àrach, faodar a thuigsinn gu ’m bheil iad a’ deanamh dolaidh mhòr air iasgach na rioghachd. Ged a mharbhadh cuid mhath de sgadan mor-thimchioll na rioghachd fad an t-samhraidh ’s an fhoghair, is gann gu ’m faighear barailte sgadain ri ’cheannach ’s an dùthaich an diugh. Cha luaithe mharbhar e na theid a chur air falbh do na bailtean mòra, no as an rioghachd far am faighear prìs mhath air. Tha aobhar eagail gu ’m feum daoine an salann itheadh leis a’ bhuntata am bliadhna. IAIN. 15-11-’01. Bithidh Gach Ni Mar is Aill le Dia. MA tha e fior gu bheil ar Daoine, ’s an rioghachd so co-dhiu, a’ gabhail tlachd ann a bhi ’g altrum smuaintean dubhach, cianail, agus gu h-araid ann a bhi ’beachdachadh gu tric air a Bhas agus an comhnuidh le ni-eigin de gheilt ’s de uamhas; ma tha so fior, cha bhiodh e mi-fhreagarrach, saoilidh mi, a bhi feoraich, ciod e am fiosrachadh a gheibhear anns na Sean-fhocail mu bheachdan ar n-Aithrichean mu ’n t Saoghal taobh thall na h-uaighe, agus mu’n cheangal a tha eadar Beatha dhiombuan, chaochlaidheach an t-Saoghal so agus Beatha mhaireannach, neo-chaochlaidheach na Siorruidheachd. Cha ’n e no rùn air aon chor a bhi toirt seachad min-chunntas air aidmheil ar Sluaigh ’s an linn so no an linn eile d’ar n-Eachdraidh, no idir a bhi toirt breith air fallaineachd am beachdan ’s air an dilseachd ’s air an eud a nochd ar Sluagh gu minic air taobh an Creidimh. Is airidh an Eaglais Ghaidhealach air a sgeul innseadh, agus chuireadh esan a dh’ innseadh gu cothromach i ar luchd-duthcha fo chomain mhoir. Ach cha mhise an duine; agus cha ’n e so an leabhar, a bu choir a leithid so de shaothair a ghabhail os laimh. ’S e mo rùn air an àm an fhianuis a bheir ar Sean-fhocail seachad mu chreidimh ar n-Aithrichean anns gach linn d’an Eachdraidh a chur fa chomhair an leughadair mar is fearr a dh’ fhaodas mi. (Air a leantuinn air taobh 142). [TD 142] [Vol. 10. No. 19. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 139). cainnt gun chiall. Nach ’eil fhios agad gu ’m bheil cluasan aig na ballachan?” Is ann a bhrosnaich na comhairlean so Abou Hasan gu tuilleadh feirge; agus bhrosnaich na thuirt a mhathair ris e cho mor ’s gu ’n duirt e: “A sheann bhean, thuirt mi riut mar tha do bheul a chumail duinte. Mur fan thu samhach, eirigh mi agus bheir mi dhut laimhseachadh a bhios ’nad chuimhne ri do bheo. Is mise an righ, agus Ceannard nan Creidmheach; agus bu choir dhut mo chreidsinn an uair a tha mi ’g a innseadh dhut.” (Ri leantuinn). Na Tairbh. THAINIG roimhe so tarbh dearg a Sasunn, a chum maslachadh a thoirt do Albainn. Sheas e air gualla beinn Mhùrluig, ’s ghlaodh e, “Is truagh an dùthaich; is truagh an dùthaich.” Bha tarbh dubh Gàidhealach air taobh eile Loch Laomainn, mu choinneamh braigh Dùn Pholochròdh, agus ghlaodh e, “Cia as a tha thu?” “Cia as a tha thu?” Ars’ an Tarbh Dearg: “A tir do nàmhaid; á tir do nàmhaid.” Ars’ an Tarbh Dubh: “Ciod e do theachd an tir? Ciod e do theachd an tir?” An Tarbh Dearg: “Cruinneachd ’s fion; cruinneachd ’s fion.” An Tarbh Dubh: “Chuirinn thu an comhair do chùil; chuirinn thu an comhair do chùil.” An Tarbh Dearg: “C’ àite an do rugadh tu? C’ àite an do rugadh tu?” An Tarbh Dubh: “An crò an Dùin; an crò Dùin.” An Tarbh Dearg: “Ciod bu bhiadh dhuit o’n bha thu ad laogh? thu ad laogh? Ciod bu bhiadh dhuit e’n bha thu ad laogh?” An Tarbh Dubh: “Bainne ’s bàrr fraoich; bainne ’s bàrr fraoich.” An Tarbh Dearg: “An adharc chrom so am beul do chléibh: an adharc chrom so am beul do chléibh.” An Tarbh Dubh: “Chugad mi! cha ’n eagal domh Chugad mi! cha’n eagal domh.” Agus chaidh an tarbh dubh timchioll ceann shuas beinn Mhùrluig, agus chuir iad an cinn ri cheile, ’s ghleachd iad. Chuir an tarbh dubh an tarbh dearg air ais an coinneamh a chùil, gu ruig clach mhòr a bha an sin, ’s chuir iad car dhe ’n chlach, ’s roil a chlach sios gu còmhnard, a ta aig taobh an rathaid mhoir, tuaiream air coig mile an taobh shuas an Tairebeart Laoimeanach, agus trì mile an taobh shios do cheann shuas an Loch Laomainn. Chuir an tarbh dubh an adhairc chrom aige am beul a chléibh aig an tarbh dhearg, agus mharbh se e. Agus is e Clach nan Tarbh an t-ainm a tha air a chlach gus an latha ’n diugh, agus is i clach is motha a tha anns na tri rioghachdan. An Fheannag ’s am Madadh Ruadh. BHA ’n fheannag ’s am madadh ruadh math air moch-eirigh, agus chuir iad geall ri ’cheile airson co a bu luaithe dh’ eireadh ’s a’ mhaduinn. Chaidh an fheannag ann am barr craoibhe agus chaidil i, ’s dh’ fhan am madadh ruadh aig bonn na craoibhe, ’s e ’g amharc an aird c’uin a thigeadh an latha, ach cha do chaidil e idir. Co luath ’s a mhothaich esan do ’n latha ghlaoidh e, “’S e ’n latha bàn e.” Bha ’n fheannag gun smoisleachadh fad na h-oidhche gus an sin; dhuisg i le a ghlaodh-san, agus fhreagair ì, “’S fhad o b’ e e.” Chaill am madadh ruadh an seo an geall ’s bhuidhinn an fheannag. Bithidh Gach Ni Mar is Aill le Dia. (Air a leantuinn o thaobh 141). ’S i mo bharail gu bheil cuid de na Sean-fhocail a tha gleidheadh air chuimhne beachdan ar Sluaigh dà mhile bliadhna dh’ aois. An uair a bha priomh Bhard ar Duthcha a’ gabhail seallaidh, le inntinn fharsuing fein, air cuairt na h-aimsir ’s air Eachdraidh a Shluaigh, sheinn e mar so: “Cia as tha sruthan na bha ann? C’ uin a thaomas an t-àm tha falbh? C’ àit’ an ceil aimsir a da cheann An ceathach e tha màll ’s nach gann, A taobh ballach le gniomh nan seod? Tha mo shealladh air linnte dh’ aom; Cha ’n fhaicear ach caol na bh’ann Mar dhearrsa na gealaich tha faoin, Air linne tha claon ’s a’ ghleann. An so dh’ eireas dealan a’ chomhraig; An sin thuineas, gun solas, neo-thréin; Cha chuir iad an gniomhan air chomhla Air aimsir tha mothar ’n an dèigh.” Feudaidh sinn, tha mi meas, cainnt agus samhladh Oisein a chleachdadh mu bheachdan cho maith ri mu euchdan ar Sluaigh. O chionn dà mhile bliadhna, bha aimsirean comharraichte ann an Eachdraidh aidmheil ar Sluaigh—aimsirean nach teid gu brath air di-chuimhne. Thugadh cumhachd nan Druidhean gu talamh; thainig solus gloirmhor an t-Soisgeil d’ar Tir; dh’ ath-leasaicheadh an Eaglais; ’n ar linn fein chunnaic a’ mhor chuid d’ar Sluagh gu’m b’e an dleasdanas Eaglais an Aithrichean fhàgail, agus dh’ fhàg iad i; agus nach iomadh ach a tha an diugh ag eigheach gu durachdach airson tuilleadh soluis a chum a threorachadh air an t-slighe thuislich, dhorcha a tha, reir coslais, air thoiseach air. Gidheadh, ann an cainnt Oisein; “cha ’n fhaicear ach caol na bh’ ann.” Buinidh na beachdan ghleidh ar Sean fhocail air chuimhne do’n Druidh ’s do’n Chriosduidh maraon. Bha iad cho fior ’s cho feumail o chionn dà mhile bliadhna ’s a tha iad an diugh, ’s a bhitheas iad gu crich an t-Saoghail. ’S iad so a rinn “ballach” taobh sgeith ar n-aidmheil. Ann an aon ni tha mi saoilsinn gu bheil coimeas a’ Bhaird mi-fhreagarrach dhuinne an traths’. Tha Eachdraidh, ann am beachd Oisean, air a deanamh suas de “ghniomh nan seod” a bha deanamh taobh na h-aimsir “ballach;” agus tha na “neo-thréin,” a tuineadh, gun sòlas, ’nam buidheann leo fein,—an gniomhan faoin gun chuimhne, an uair a tha aimsir a’ siubhal gu mòthar seachad. Cha ’n eil teagamh nach ’eil smuain a’ Bhaird oirdheirc agus airidh air inntinn ghreadhnaich fein. Ach cha ’n fhaod sinn bhi foghlum o’n teagasg so gur ni faoin no suarach dleasdanas ar latha-ne, no ar n-inbhe-ne, ged, ma dh’ fhaodte, nach teid a bhreacadh air slios na h-aimsir, a chum ra cuimhne ghleidheadh beo ré nan linntean. Cha bhiodh e ceart air aon chor a bhi deanamh gaisgeach dheth-san a mhain a rinn gniomhan euchdach an suilean an t-Saoghail: “Is gaisgeach esan a bheir buaidh Air eagal beatha, ’s uamhunn bàis, ’S a chomhlaicheas le misnich cri’, Na h-uile ni a tha dha ’n dàn.” ’S e so gaisge air an ruig an neach is diblidh ’n ar measg. Agus tha làn dearbhadh againn ma bhuanaicheas e nach leigear a threuntas air di-chuimhne, ach gu faigh e gu cinnteach a dhuais. Ach air an laimh eile tha teagasg Oisean agus nan Sean-fhocail ro fhior, agus bhitheadh e ro bhuannachdail dhuinn an comhnuidh a ghleidheadh air chuimhne. Tha gnothuichean ar latha fein, cho fad ’s a tha iad cothromach, mar dhleasdanais chudthromach oirnn a chur an gniomh le ’r n-uile neart; agus tha beachdan ar latha fein, cho fad ’s a tha iad fior, ’n an tiodhlachan luachmhor nach faod sinn, gun chunnart, a dhearmad. Ach tha cuid de na dleasdanais so, agus cuid de na beachdan so, a bhuineas ann an doigh ro shonruichte d’ar latha fein; agus tha cuid eile dhiu a tha ’g an ceangal fein ’s ar ceangal-ne ris an t-sluagh gun aireamh a chaidh thairis agus ris an t-sluagh gun aireamh a thig ’n ar deigh—dleasdanais agus beachdan a tha comhnuidh cudthromach agus an comhnuidh fior. A nis bu mhath leam a chreidsinn gur e an dleasdanais so a tha, ann an cainnt Oisean, a’ deanamh ballach taobh na h-aimsir. Cha ’n ’eil teagamh nach e na beachdan so a mhain a ghiulain na Seanfhocail a nuas o chéin. Tha sinn a ghnath teom air a bhi cur barrachd meas air na nithean sin a tha luachmhor a mhain ’n ar latha fein. Tha mi meas na ’n sealamaid air cuairt na h-aimsir mar a rinn Oisean, no air beachdan ar n-Aithrichean mar a ghleidh na Sean-fhocail an chuimhne iad, gu’m faiceamaid iomadh cleachduin, dleasdanas, ’us beachd a tha ’n diugh a’ cumail suas roinnean ’us coimheachais ’n ar measg, a bhitheas gu tur air di-chuimhne, an uair a sheallas Bard eigin air ais, ceud bliadhna ’n a dheigh so, nach faic e “ach caol na bh’ ann.” Tha triuir bheachd, gu sonruichte, a gheibhear air an cur f’ar comhair gu tric anns na Seanfhocail, agus ’s e sin: (1). Gu bheil cionta toillteanach air peanas; (2). Gu bheil laghannan Naduir no cuairt Freasdail do-atharraichte, neo-chaochlaidheach; (3). Gu bheil Dia fior, ceart, maith. Gheibhear suim aidmheil Creidimh ar n-Aithrichean, a réir nan Sean-fhocal, anns na tri firinnean so. Agus cho fad ’s is leir dhomh, bha ar n-Aithrichean a’ creidsinn annta o’n a tha Eachdraidh againn orra. Cha ’n ’eil ar n-eolas air teagasg nan Druidhean ach gann, ach saoilidh mi gu’n dearbh am beagan fiosrachaidh a tha againn mu thimchioll nan linntean céin anns an robh iad cumhachdach n’ ar Tir gu’n robh iad a’ creidsinn agus a’ teagasg nam firinnean a dh’ ainmich mi. Tha grian an eòlais a’ dealradh ’n a lan neart agus ’n a lan mhaise oirnne. Fhuair sinn moran agus iarrar moran uainn. Ma thuislicheas sinne, cha ’n ann le cion soluis. Ach tha mi meas nach aobhar so airson a bhith deanamh dimeas orrasan a bha ’g imeachd ’s an dorchadas. A réir gach cunntais a tha againn mu’n timchioll bu daoine na Druidhean a bha airidh air meas agus air urram an da chuid airson an eolais agus an gluasaid. ’N ar suilean-ne bha, gun teagamh, an Creidimh mearachdach, easbhuidheach. Ach tomhais iad le meidh an linn fein, agus chi thu gu’m bu daoine fiosrach, glic iad, a ghleidh an cliù ’s am meas am measg dhaoine treuna, ’s a sheas gu daingean air taobh an Duthcha ’s an Sluaigh ann an àm cunnairt ’us teinn. Anns na Seanfhocail tha iad air an ainmeachadh le moran barrachd urraim na tha na Sagairtean a thainig ’nan àite. “Cho teoma ri Coibhi Druidh.” “Ge rogus clach do’n làr is foisge na sin cobhair Choibhi.” Tha so a nochdadh gliocais, comais, caoimhneis. Ach is ann airson feartan dealaichte uapa so—feartan is suaraiche air gach doigh—a tha Sagairtean ’us Cléirich air an cumail air chuimhne.’ “Cha ’n fhiach Sagart gun Chléirich.” ’’Cha d’ òl an Sagart ach na bh’ aige.” “Cha ’n iad na ro Chléirich is fearr.” “Is miann leis a’ Chléireach mias mhaith a bhi aig an t-Sagairt.” “’S e leanabh fein is luaithe bhaisteas an Sagairt.” Tha an so companas eadar Cléirich ’us Sagairtean arrson a bhi sasuchadh a’ chuirp le nithean ceaduichte ’s le nithean toirmisgte air an deanadh Coibhi Druidh tàir. (Ri leantuinn). Uaisle gun chuid, ’us maragan gun gheir. [TD 143] [Vol. 10. No. 19. p. 7] Moladh nan Laoch Gaidhealach. LE CAILEIN CAIMBEUL. Ho gur coma leam a’ bhrigis, Gur-a liobasda fo m’ shàil i; ’S mor a b’ anns’ an t-éile cuaiche Dhol a shealg feadh chruach a’s àrd-bheann. Tha mi ’cuimhneachadh gach solais, Far an robh mi og air m’ àrach; Gheibhteadh isg a’s eunlaith fhiadhaich ’Sa bhi sealg nam fiadh feadh àrd-bheann. Ho gur coma, etc. Sud an t-àite ’s an robh ’n t-éibhneas— Tha gach luibh ni feum a’ fàs ann: Biolair uaine ’n uisg’ an fhuarain ’Bheireadh do gach sluagh an slàinte. Ceol bu bhinne leam bhi ’g éisdeachd, ’N àm eirigh grein air sgeith nan àrd-bheann; Bhiodh an coileach-dubh a’ dùrdail, Cuthag a’s “gu-gùg” ’s gach àit’ aic’. Chluinnteadh langanaich an fhéidh ann, ’S chiteadh treud diubh anns gach fàsaich ’S bhiodh an crodh a’ ruith gu buaile, ’S dol air uairean thun na h-àiridh. Far an lionmhor gillean oga, Ged chaidh moran diubh thar sàile: ’S bu chùis eagail do gach riogh’chd iad, H-uile linn diubh mar a dh’ fhàs iad. Bha iad uile làn de chruadal, Mar chuala sibh mu Dhonnachadh ’n Aighe; A’s Ian Ruadh (gu’n robh gach buaidh leis!) Bha ’na cheannard sluagh do’n bhanrigh. Ach na ’m faighinn-sa an t-oran Chur an ordugh ann an Gàidhlig, Dheanainn moladh air na h-uaislean Bha cho suairce ris na Gàidheil. Bho nach d’ fhuair mi orra eolas, Cha ’n urrainn mi gu leoir a ràdhtuinn, Air neo dh’ innsinn dhuibh am buadhan, ’S an stoc uasal as an d’ fhàs iad. Mo mhile beannachd-sa gach uair dhaibh, ’S guidheam gur-a buan dhaibh slàinte; Bidh sinn uile an deagh rùn daibh— Sona ’n dùthaich anns an d’ fhàs iad. Tha gach duine làn de sholas, Mu chruinneachadh mor na Gàidheal; Tilgeil cloiche, ’s car de chabar, ’S ord ’n a dheannaibh le neart gàirdein. ’S ’nuair chluinneadh iadsan sgal na pioba, Bhiodh iad inntinneach mar b’ àbhaist; Gu ’m bu mhath a ruith na réis iad, ’S leumadh iad mar fhèidh nan àrd-bheann. Sud na gillean a bha treubhach— ’S mor an éifeachd anns na blàraibh, ’N aghaidh na lasrach a’s na luaidhe, Gu ro chruaidh gu bualadh stàilinn. Sir Cailean féin, an ceannard uasal— ’S e Morair Chluaidh a chaint’ an dràst ris— ’S mor an t-urram e do ’n rioghachd, ’S is toil-inntinn e d’a chàirdean. ’S ann le misnich a’s deadh-sheoltachd, A thàirneadh ann an ordugh blàir iad; ’S mur gabh an nàmhaid an ratreuta, Gu ’n laidh gach creubhag dhiubh ’s an àraich. Cha robh ’n leithid riamh ’s an rioghachd; Bheireadh iad gu sith gach cearna; Aig an Alma, ’s a’ Chrimea, Gun dichuimhn ’bhi air Balaclàbha. ’N uair bha tàirneanach nan canan ’Cur mactalla as gach àite, Bha Sir Cailean, agus buaidh leis, ’Brosnachadh a suas nan Gàidheal. Nis nam biodh iad uile dileas Anns gach ni, mar bha na Gàidheil, Bhiodh Sebastopol air striochdadh, ’S Russia fo chis do ’n bhan-righ. Fhuair iad urram anns na h-Innsean Nach bi air dichuimhn do na Gàidheil: ’S e Righ nan dùl a ghabh dhiubh cùram- Gach moladh a’s gach cliù bhi Dhàsan! Modh. RI linn an Righ Seòras II. bha ceatharnach mor Gàidhealach d’ am b’ ainm Ruairidh Mac Cullach air a ghlacadh air son àrd-fhoill ’s air a dhìteadh gu bàs. An uair a bhatar ga thoirt air falbh gu àite a dhith-cheannaidh thainig maille air na saighdearan a thug orra stad. Bha bean-uasal an sin ag amharc am mach air uinneig, agus dh’ eibh i ris a phriosanach:— “A cheannaircich mhoir, fhada! bidh an ceann sin an ùine ghoirid bhar t’ amhaich, agus ’s math an airidh.” Thug Ruairidh a bhoineid bhar a chinn agus rinn e beic mhodhail dhi. “Am bheil sin,” ars esan, “a toirt toileachadh mor dhuibhse, a bhean-uasail.” “Tha, gun teagamh,” ars a bheanuasal; “fior thoileachadh.” “Ma ta, a bhean-uasail,” arsa Ruairidh ’s e deanamh beic eile, “tha mise gle dheònach bàsachadh ma bheir e toil-inntinn sam bith do ur leithid-sa.” Bha a bhean-uasal de nàdur mor aisde féin, agus ghabh i uiread tlachd de ’n deas-fhreagairt a thug an Gaidheal oirre, ’s gu ’n do chuir i air ball fios dh’ ionnsuidh an righ ag iarraidh mathanais dha. Chunnaic Righ Seòras iomchuidh sin a thoirt dha. Agus tha Andra Lang ag ràdh gu ’m fac’ esan le shùilean fein am bann rioghail a thug a bheatha ’s a shaorsa do Ruairidh. Tha an seanfhacal ag radh “nach do bhrist modh ceann duine riamh;” ach ’s ann gle ainneamh a thachair e gu ’n do choisinn modh a bheatha do dhuine bha cho dlùth air a bhàs ’sa bha an ceatharnach Ruairidh Mac Cullach. Cha ’n eil modh na uallach trom do neach sam bith, agus cha dean tomhas math dhe ’n t-seòrsa cheart call no cunnart a chur air duine gu bràth. Chaochail fear Iain Mac Done ann an Errislanin, an Eirinn, o chionn ghoirid an deigh dha aois sia fichead us coig bliadhna a ruigheachd. Rugadh e ’sa bhliadhna 1776, agus bha deagh chuimhne aige air nithean a thachair am bliadhnaichean deireannach na h-ochdamh linn deug. Chaochail duin’ òg a mhuinntir Hogamah, d’ am b’ ainm I. Winburn Mac Phail anns an tigh-eiridinn am Boston, Di-ciaduin s’a chaidh. Bha e air a mhùchadh le gas ’na sheòmar-cadail oidhche Di-sathairne. Fhuaireadh beò e, agus mhair e mar sin gu Di-ciaduin. Bu mhac e do Sheumas Mac Phàil, am marsanta, agus bràthair do ’n Dr. D. T. Mac Phail, am Philadelphia. Bha e ag ionnsachadh lagha, agus bha e tòiseachadh ri dhol do ’n cholaiste nuair a thachair an sgiorradh muladach a dh’ aobharaich a bhàs. Cha robh e ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. [TD 144] [Vol. 10. No. 19. p. 8] Call na “ Hesperuis.” Rinneadh an t-eadar-theangachadh so le Mr. Iain Mac-Ille-Bhàin, an Inbhirnis. Choisinn e an duais a b’ àirde aig a Mhòd air an fhoghar s’a chaidh. Bu ghleusda ’sheol an “Hespuris,” Ged b’ éitigh, borb a’ ghaoth; ’S mar chuideachd thug an sgiobair leis A nionag bhoidheach, mhaoth. Mar fhlùr an lin bha ’sùilean gorm, A gruaidh mar bhriste-fàir’, ’S a broilleach min air dhreach a’ Chéit’, No canach geal a’ chàir. An sgiobair treun ’sa phiob ’na bheul, An dàil na stiùrach sheas, A’ coimhead mar bha ’n toit ’san t-sian A’ leum an Iar ’s a Deas. ’N sin labhair ris seann mharaiche A sheol thar chuantan tric— “Tha targradh gaillinn air an speur, Ruig caladh-dion ’s bi glic. “Bha broth mu ’n ghealaich chiair an raoir; ’Nochd tha i dubh fo neul;” ’S ann rinn an sgiobair gàire sgeig, Mar sheid e ’n toit a ’bheul. Fuar is na b’ fhuaire sheid a’ ghaoth, ’N Iar-Thuath le sgaiteachd ghairg; ’Chlach-mheallain dhian rinn fead ’s a’ chuan, ’S ’na cathadh geal bha ’n fhairg’. Bha ’n long, le neart na doininn oillt, Ga tuimhseadh is ga sniomh; Chlisg i, is sheas, is leum i ’n ceann, Mar dheanadh steud fo fhiamh. “Na bi fo gheilt, mo nionag ghaoil; Neadaich a nall am thaic’; An stoirm sin air nach faighinn buaidh, Cha ’n fhaeas riamh ’s cha ’n fhaic.” Chuir e ga ’dion o’n ghaillinn reot’, A chota-mor gu teann; Is cheangail e an àilleag mhaoth, Gu daingean ris a’ chrann. “Cluinnidh mi claig nan eaglaisean; Dé th’ ann, O athair ghràidh?” “Sanas o’n chladach chreagach, chruaidh;” Is stiùir e mach o’n tràigh. “Ar leam gu ’n cluinn mi gunnachan; Ciod e ceann-fàth na toirm’?” “Long ann an teinn, nach urrainn gleachd Ri ’leithid so de stoirm!” “Athair, dé ’s ciall do ’n t-solus ud, Tha ’boillsgeadh anns a’ cheo?” Ach bha ’h-athair fuar an glaic a’ bhàis, Gun chli, gun smid, gun deo. ’Na shineadh ceangailt ris an ailm, ’S aghaidh ri speur a suas, Bha ’n lochran a’ cur soills’ troimh ’n t-sneachd, Air a shùilean aognaidh nuas. An nionag phaisg a lamhan beag, ’S ghuidh i gu ’n saorteadh i, ’S ghairm i air Criosd, a chuir fo smachd Muir onfhadhach Ghalili. Bha ’n long ’san duibhre chianail, oillt, Troimh ’n t-sneachd ’s troimh ’n doininn ghairbh, A’ ruith air bodha ’n Lochlannaich, Mar thannas duine mhairbh. ’S a ghnàth thar nuallanaich na gaoith, Chluinnteadh mar thailmrich feachd, Trom-shlacraich air na sgeirean garbh, ’S iad ri neart fairge ’gleachd. Gun iùl, gun chli, bha ’n long, ’s an fhairg M’a guailnean claoidhte ’leum; Ghrad sguabadh an sgioba thar an taoibh, Le tonn, a dh’ aona bheum. Na tonnan càir-gheal timchioll dith Sheall, mar an olann, maoth; Ach na sgeirean cruaidh le’m fiaclan geur’, Chagainn is theum a taobh. A buill ’s a croinn, le ’n comhdach reot’, Chaidh thairis measg nan tonn; ’S mar shoitheach ghloine bhrist a clàir; Ho! bheuc a’ mhuir le fonn. Iasgair bha ’muigh mu éirigh gréin Mu ’n chladach chreagach, gharbh, Chlisg ri bhi ’faicinn caileig oig Ceangailt’ ri crann ’s i marbh. Bha ’n sàile reodhte air a h-uchd, Na deoir ’na sùilean tlàth, ’S a cuailein bàn, mar fheamainn, donn, Feadh chop nan tonn a’ snàmh. Ceann-sgeoil na luinge, ’n “Hesperus”— Sgeul doininn, duibhre, ’s bàis! Bho shamhail Bodha ’n Lochlannaich Gleidh sinn, a Dhia nan Gràs! Marbhrann do Fhear Airidh-Mhuilinn. Rinneadh am marbhrann a leanas le Aonghas Caimbeul, (Aonghas mac Dhomhnuill ’ic Eoghainn), ar neo mar a theirteadh ris gu cumanta ’na latha fhéin, “Am Bàrd Sgallach,” do Chaiptean Aonghas Domhnullach, Fear Airidh-Mhuilinn, ogha do ’n mhnaoi ainmeil sin Fionnaghal Dhomhnullach. Bha an Caiptean Domhnullach air a bhàthadh anns a’ bhliadhna 1809. Rugadh “Am Bàrd Sgallach” ann am Beinn-a-bhaoghla. Aonghais Oig riomhaich Gu ’n seinneadh piob leat ’us bratach, Air each aigeannach, cruidheach, A ghearradh direach an t-astar; ’S e mo chràdh do chorp cùbhraidh ’N a luidhe dhith ris an aigeal, Gu ’n deach d’ anam do Phàrras; Na h-ostail chàirich do leaba. Dia a ghleidheadh an céile Do na dilleachdain uasal A dh’ fhàg thu a’ d’ dhéigh, ’S e so am foghar a ghuail iad; Cha robh leithid an athar Ann an cliù no maitheas mu ’n cuairt daibh, An treas pears’ ’s an Roinn-Eorpa ’N a shuidh’ an comhlan dhaoin’-uaisle. Thuit a’ chraobh leis an duilleach, Chrion am bun ’s gu ’n do chrion e; An latha rinneadh do bhàthadh, Gu ’n robh an t-Ard Righ ’s an fhianuis; Gu ’n robh an uair air a cumadh, Gaoth ’us sruth mar an ceudna, Chuir sud thairis an t-eathar, Mo chreach! mu leitheach an lionaidh. Thug thu ràimh do na gillean, Cha robh tuilleadh a dhith ort; Bha thu ’n dùil mar a b’ àbhaist Gu ’n robh do shnàmh mar an fhaoileag, Gu ’n robh do shnàmh mar an eala, A dh’ fhalbhadh aigeannach, aotrom; Pearsa dhireach, dheas, dhealbhach, ’S bochd a dh’ fhalbh thu gun aois uainn. Bu tu sealgair a’ mhonaidh, Leis a’ ghunna nach diùltadh, Air damh cròcach nan cabar, A leumadh aigeannach, sunndach; ’N an leumadh gu marbhadh; Bha thu d’ shealgair bho dhùthchas; Ron, eala, ’us earbag Nan gearra-chasa lùth’or. ’N uair a chruinnicheadh an camp Bu tusa ceannard nan daoine; An rud a theireadh tu dheant’ e, No dh’ fheuchadh tu faobhar. C’ àite ’n robh ann an Alba, Trath sheasadh tu calma fo d’ aodach, A h-aon a labhradh riut dàna? B’e ’n t-eun a b’ àirde ’s a’ chraoibh thu! Posadh. —Ann am Mansa St. Andrew’s, an Sidni, air an treas latha dhe ’n mhios, leis an Urr. I. F. Forbeis, Daibhidh Mac-Dhùghaill agus Ceit I. Nic-a-bhiocair, le cheile a Aiseag Mhira. Ma tha thu ’g iarraidh Deagh Bhrogan Obrach a sheasas ri ’n cosg gu cruaidh ri side bhog, theid againn air an toirt dhut. ’S ann againn a gheibhear BROGAN AMHERST an seorsa ’s fhearr a thatar a deanamh. A. W. Redden & Co. ROSS BLOCK. SIDNI. Caradh Uaireadairean, Chlocaichean agus Sheudan ....ANN AN STOR.... K. BEZANSON. Theid iad an urras air gach obair a ni iad....... An Togalach Hanington. SIDNI. Bathar Teine. Bathar a chaidh a shabhaladh o’n teine—iomadh seorsa—beagan dhe na h-uile rud. Bidh e air a chreic Saor, Saor!! Tha aireamh de dheiseachan ’s de chotaichean-uachdair againn a fhreagras air daoine mora. Tha iad againn cho ard ri No. 44. Mills, MacKenzie & Ross. Air an t-Seann Laraich. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto, Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 145] [Vol. 10. No. 20. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DESEMBER 20, 1901. No. 20. Litir as an Eilean Sgiathanach. FHIR MO CHRIDHE,—An uair a thainig am MAC-TALLA g’ am ionnsuidh anamoch an dé, agus a leugh mi mu ’n chall mhor a rinneadh ann an Sidni an uair a chaidh earrann dhe ’n bhaile ’na theine, chuir e dragh mòr air m’ inntinn. Leugh mi mu ’n chall a rinneadh anns a’ bhaile mu dheich uairean fichead an deigh dha tachairt; oir tha ’n “t-Albannach,” (The Scotsman) mar a tha na paipearan-naigheachd mòra agus cumhachdach eile a th’ ann am Breatunn, a’ toirt dhuinn fiosrachadh a h-uile latha mu gach gnothach comharraichte a tha ’tachairt an latha roimhe sin ann an “ceithir ranna ruadh’” an t-saoghail. An uair a leugh mi mu ’n chall mhòr a rinneadh, ghabh mi eagal gu ’n robh taigh-gnothaich a’ MHIC-TALLA air a chur ’na small mar a bha iomadh taigh, agus iomadh bùth eile. Agus bha mi ’feitheamh gus an tigeadh am MAC-TALLA feuch am faighinn am mach an d’ thainig turus nan tubaistean ’na rathad mar a thainig e ann an rathad iomadh duine dìchiollach, onarach eile ann am baile Shidni. Tha mi nis a’ faicinn gu ’n d’ thainig call mòr araon air a’ MHAC-TALLA, agus mar an ceudna, air a luchd-leughaidh anns gach àite dhe ’n t-saoghal. Ach dh’ fhaodadh an call a bhith na bu mhò. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is math a’ chreach a dh’ fhàgas a leith.” Nan deachaidh taigh-gnothaich a’ MHIC-TALLA ’na theine, cha ruigeamaid a leas dùil sam bith a bhith againn gu ’m faiceamaid e fhein, no a leithid eile gu bràth tuilleadh. Ach bi sinn aig an àm toilichte le sealladh dhe ’ghnùis fhlathail, aoidheil fhaicinn uair ’s a’ choig-latha-deug. Agus an ùine gun bhith fada, tha sinn an dòchas gu ’n tig e, mar bu ghnàth leis, a chur fàilte oirnn le ’chomhradh taitneach, uair ’s an t-seachdain. Tachraidh so gun teagamh sam bith ma sheasas na Gaidheil gu duineil air a thaobh, agus gu ’n toir iad dha gach misneach agus cuideachadh a tha ’nan comas. Chunnaic mi rud a b’ iongantaiche leam na ged a bhiodh an gnothach mi-fhortanach a thachair do ’n MHAC-TALLA ’na mhathair-aobhair air a chur air a bhonnaibh na b’ fhearr na bha e riamh. Mu thoiseach an t-samhraidh so ’chaidh, thainig call mòr air duine bochd, dripeil, aig an robh teaghlach trom, lag ri chumail suas. Chaidh na taighean, an spréidh, agus a h-uile dad eile a bh’ aige ris an t-saoghal ’nan teine. B’ ann air eiginn a fhuair e fhein agus a bhean a’ chlann a thoirt am mach as an taigh ann an soilleireachadh an latha mu ’n do thuit a cheann ’na bhroinn. Ach ciod a thachair dha ’na dheigh sin? Thachair so: gu ’n do chuir Gaill is Gàidheil airgiod cruinn gus a chuideachadh, agus tha e ’n diugh mòran na ’s fhearr air a dhòigh na bha e mu ’n deachaidh a h-uile rud a bhuineadh dha ris an t-saoghal ’na theine. Fhad ’s a bha ’n duine so a’ strì ri ’theaghlach a chumail suas,—agus bha strì chruaidh aige ri dheanamh—cha do smaoinich duine sam bith air cuideachadh a dheanamh leis. Ach ann an latha na h-éis agus na h-éiginn, rinn gach neach anns an robh caoimhneas is carantas, agus a chuala mu dheidhinn na thainig air, a’ bheag no mhòr de chuideachadh leis. Tha so a’ nochdadh dhuinn gu ’m bheil tomhas beag no mòr fhathast anns na Gàidheil dhe ’n chaoimhneas agus dhe ’n charantas a bh’ anns na daoine o ’n d’ thainig iad. Tha mi ’n dòchas gu ’n seas na Gàidheil anns gach cearn dhe ’n t-saoghal air taobh a’ MHIC-TALLA le duinealas, le dìlseachd, agus le dùrachd mòran na ’s mò na nochd iad dha riamh roimhe. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh: “Is ann an latha na h-eiginn a dh’ aithnichear na càirdean.” Tha mi fhin a’ cur romham gu ’n sgrìobh mi ugad ’na dhéigh so barrachd air na sgriobh mi riamh roimhe, sin ri ràdh, ma bhios mi ann an slàinte. Agus bheir mi oidhirp air gach aon dhe m’ chàirdean ’s dhe m’ luchd-eòlais a bhrosnachadh gus cuideachadh is comhnadh a dheanamh leat. Is math an airidh thu air cuideachadh, oir rinn thu cuideachadh leis a’ Ghailig nach d’ rinn fear eile riamh roimhe. Mu ’n criochnaich mi an litir so, feumaidh mi radh, gu ’m bheil co-fhaireachadh mòr agam ris na daoine bochda a chaill an cuid dhe ’n t-saoghal leis an teine. Tha eagal orm nach bi e soirbh do iomadh aon dhiubh an geamhradh a chur seachad gun iomadh éis is anfhastachd fhulang. Ach tha dòchas agam nach caill iad am misneach. Ma bhios misneach mhath aig duine theid aige air faotainn thairis air iomadh duiligheadas. Cha mhòr is fhiach fear gun mhisnich: cha dean e saighdear math gu bràth. Ma ghabhas sinn beachd air na chuala sinn mu dheidhinn gnothaichean ’s an àm a dh’ fhalbh, bidh e soilleir gu leòr dhuinn gur mò a rinneadh de chothachadh air duiligheadasan an t-saoghail le misnich na le neart dhòrn. “Is fhearr am beag seadhach na ’n draghaiche mòr mi-ghniomhach.” Cha bu mhisde leam beagan a chluinntinn o àm gu àm mu dheidhinn nan daoine bochda air an d’ thainig an call. Agus tha dòchas agam gu ’n toir na càirdean agus na coimhearsnaich lamh-chuideachaidh dhaibh. Is mi do charaid, IAIN. Sniodhasart, 15–11–’01. Litir a Moosomin. ’S MITHICH dhomhsa tòiseachadh aon uair eile agus beagan shreathan a chur ugaibh as an dùthaich fh—(theab mi ràdh fhuar), ach ’s e th’ ann dùthaich thiorail, bhlàth air an bhliadhna so. Tuigidh sibh sin na ’s fhearr an uair a dh’ innseas mi dhuibh gu ’m faca mi Calum an latha roimhe ’dol seachad, agus ada ghrinn, dhubh air fior mhullach a chinn; ’s ann a shaoileadh sibh nach fhac’ e currachd béin riamh, ’s nach robh dùil ris. Mar tha fios agaibh fhein, bha bàrr math an taobh so am bliadhna. Ach cha ’n ’eil a phrìs ach iosal; agus tha na ceannaichean ’s na bliadhnaichean so air fàs gu math aileasach. ’S iomadh tuathanach an taobh so leis am bu mhiann a bhi fad cheithir-uairean-fichead ’na righ—cleas Abou Hasan—air son droch dhiol a dheanamh air cuid de na ceannaichean cruithneachd so. Na ’m biodh Righ Seumas a coig beò ma dh’ fhaodte gu ’m faigheadh fear air choireigin a mhiann, ach o’n a dh’ fhalbh e fhein agus Haroun Alraschid, cha bhi e ro choltach, oir cha do thuit cleòca ’h-aon aca air Iomhar a seachd. Mar tha fios agaibh cuideachd, thainig mòran as gach cearn a chuideachadh mu sgioblachadh na graisich an taobh so air an fhoghar a dh’ fhalbh. Bha cuid dhiubh nan deagh chosnaichean, ach bha gu leor dhiubh, tha mi smaointean, nach fhaca sguab chruithneachd riamh, agus aig nach robh fios co dhiubh ’s e bun na barr bu chor a bhi gu h-àrd ’san adaig. ’S iad so bu mhotha ’dh’ iarradh do thuarasdal cuideachd, agus a bha tilleadh dhachaidh nan dusain as aonais, ach le iomadh sgeul iongantach mu ’n àite. ’S iomadh miamhadh a fhuair iomadh laoch tapaidh dhiubh so, a dh’ fhuirich tacan ag obair. Chitheadh tu fear ’s forc aige am mullach lòd feòir, ’s e aig peileir a bheatha ’feuchainn ris a bhad air an robh e fhein ’na sheasamh a chaitheamh na chruaich. Bha iomadh fear dhiubh so aig an robh Gàilig cuideachd. Thachair duin’ òg rium aon latha aig an robh deagh Ghàilig,—gu math na b’ fhearr ’na Bheurla ’bh’ aige co dhiubh. Dh’ fhaighneachd mi dheth co ’n cearn dhe ’n t-seann dùthaich as an d’ thainig a chuideachd. Bha e greiseag ’na thosd, ’s thuirt e sin air a shocair, gu ’n robh e smaointean gur ann á Alba ’thainig iad. Ma bha sibhse ’gearain air tioramachd ’san fhoghar, cha do leig sinne dhinn na còtaichean uisge fad na h-ùine sin. Bha iomadh bodach aig nach robh cruachan dionach gu math greannach ’san àm, agus a’ maoidheadh na “grits” a chur am mach mur a tigeadh sìde thiorail. Chaidh iomadh buiseal do chruithneachd òr-bhuidhe fhàgail gu math milis, bog air a shàilleabh; ach gabhaidh daoine am barrachd saothreach ris na cruachan am mach o’n bhliadhna so. Tha iad ag ràdh nach robh ball aodaich aig Padra’ beag nach do chuir e dhion nan cruach—an té nach robh seacaid uimpe bha briogais oirre, ’s mar sin sios—air chor ’s gu bheil an gràn aige cho cruaidh, tioram, ’s gu bheil e air thuar a dheud a mhilleadh, far am bi e ’ga chur na bheul gun fhios dha fhéin. Tha mi faicinn gu bheil Bodachan a’ Ghàraidh gu math trang a’ cur mheas o chionn ùine mhath. Cha b’ urrainn dha talamh fhaighinn a b’ fhearr na MAC-TALLA air son an àraich; oir tha driuchd a’ tuiteam air ’s gach cearn fodh ’n ghréin, ’s mar sin cha ’n urrainn nach bi barr math aige. Gu ma fada bhios a throisgeir gun mheirg! Tha sinn a nis ag ionndrainn nach fhaic sinn do phaipear ach da uair ’sa mhios. Ach tha dòchas againn nach fhada gus am buail an cridhe aige a rithist le farum ’san dòigh àbhaisteach, ’s nach teid maille air gu bràth tuilleadh. A guidhe, ged a tha e car tràth, Nollaig chridheil ’s Bliadhna Ur thoilichte dhuibh fhein ’s do ’ur luchd-leughaidh gu leir. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Moosomin, Desember 4, 1901. BAS ANNS A MHEINN—Chaidh Domhnull I. Mac-a-Phearsain a mharbhadh anns a mheinn aig Dominion No. 1 oidhche Di-ciaduin. Bha e-fein us duin’ eile ag obair air càradh ni-eigin a bha cearr anns a mhèinn, nuair a thuit cnap dhe ’n acuinn air-san ’ga bhualadh ’sa cheann ’s ’ga mharbhadh air ball. Bha e mu dha fhichead us coig bliadhna dh’ aois, agus na dhuine gle mheasail. Dh’ fhàg e bean agus triùir chloinne. [TD 146] [Vol. 10. No. 20. p. 2] A’ Chathair Fhalamh. (Eadar-theangaichte o’n Bheurla le IAIN). CAIB. IV. SHUIDH Padraig aig a’ bhòrd; agus bha ’chathair air ar am biodh a mhac Tomas ’na shuidhe, agus air nach do shuidh duine riamh o ’n latha ’chaidh e air chall, falamh ri ’thaobh mar bu ghnàth. “A chlann,” ars’ esan, “an d’ iarr a h-aon dhibh air an t-seòladair tighinn a steach agus greim dinnearach a ghabhail comhladh ruinn?” Thuirt fear dhe na mic, “Bha eagal oirnn gu ’n éireadh tuasaid eadar e fhein agus Mac Iain. “Thainig e gun iarraidh idir,” ars’ an seòladair ’s e ’tighinn a steach. “Seididh a’ ghaoth o àird’ ùir ma mhilleas mise aighear agus sonas na cuideachd.” “Is coigreach thu, a dhuin’ òig, ar neo bhiodh fios agad nach ann gu bhith ri aighear agus ri aoibhneas a tha sinn cruinn an so,” arsa Padraig. “Ach is e do bheatha, cinnteach gu leòr, suidhe maille ruinn aig a’ bhòrd. Greasaibh oirbh, a nigheanan, faighibh cathair air an suidh an duin’ uasal.” “Duin’ uasal, gu dearbh!” arsa Mac Iain gu beag. “Coma leibh de chathair, a mhuinntir mo chridhe,” ars’ an seòladair; “foghnaidh i so!” Agus mu ’m b’ urrainn Padraig bruidhinn gus bacadh a chur air, thilg e e-fhein anns a’ chathair anns nach do shuidh duine fad dà bhliadhna dheug! Cha chuireadh briathran toibheumach air an labhairt o ’n chùbaid ann an éisdeachd luchd-aoraidh diadhaidh uiread de dhragh ’s de dh’ uamhas orra ’s a bha air gach neach a bh’ anns an t-seòmar an uair a chunnaic iad e ’na shuidhe anns a’ chathair fhalamh. “Gabh mo leithsgeul, a dhuine! gabh mo leithsgeul, a dhuine!” arsa Padraig, agus crith air a ghuth; “ach cha ’n fhaod thu, cha ’n fhaod thu suidhe ann an sin!” “Oh dhuine, dhuine!” arsa bean Phadraig, “bi falbh as a sin! bi falbh as a sin! Gabh mo chathair-sa! gabh cathair sam bith anns an taigh! ach na suidh idir, idir an sin! Cha do shuidh neach riamh innte o ’n latha ’bhàsaich mo mhac gràdhach! Agus cha ’n fhuiling mise duine eile fhaicinn ’na shuidhe innte!” “A dhuine! a dhuine!” arsa Padraig, “is ann troimh aineolas a rinn thu e, agus tha sinn a’ gabhail do leithsgeil. Ach sin a’ chathair air am biodh Tomas mo mhac ’na shuidhe! A dha bhliadhna dheug gus an diugh—co-ainm an lath’ air an d’ rugadh e—chaidh e dhìth, aig Dia tha fhios ciamar! Chaidh e ’mach as ar sealladh, mar gu ’n deanadh neul a rachadh seachad air na beanntan—cha do thill ’s cha till e. Agus oh, a dhuine, na bi ’cur cràidh air cridhe athar! oir tha fuil mo chridhe air a’ fàsgadh asam an uair a tha mi ’gad fhaicinn ’nad shuidhe anns a’ chathair sin!” “Thoir dhomh do lamh, mo dhuine mhath!” ars’ an seòladair; “tha mi ’toirt urram mhòr dhut—cha ’n e mhain sin, ach dh’ fhuilinginn am bàs air son do chaomh-fhaireachdainean! Ach b’ e Tomas Elliot mo charaid-sa, agus thug e òrdugh sònraichte dhomh suidhe anns a’ chathair so. Tha fios agam nach ’eil e math aobhar aoibhneis a thoirt do dhaoine mar gu ’n tigeadh urchair a gunna; ach o nach ’eil fhios agam ciamar a ni mi searmon mu ’n innis mi mo naigheachd, cha ’n ’eil agam ri ràdh ach nach ’eil Tomas marbh idir.” “Tha thu ’g radh nach ’eil e marbh!” arsa Padraig, agus e ’breith gu teann air laimh air an t-seòladair ’s a’ labhairt cho cabhagach ’s gur gann a thuigeadh duine e. “Oh ’dhuine! ’dhuine! innis dhomh ciamar!—ciamar! An dubhairt thu gu ’m bheil e beò? Am bheil mo Thomas fhin beò?” “Am bheil thu ’g radh nach ’eil e marbh?” arsa bean Phadraig agus i ’greasad far an robh an seòladair, agus a’ breith air a laimh eile, “tha thu ’g radh nach ’eil e marbh? Agus am faic mi mo leanabh a rithist? Oh! gu ’n robh beannachd Dhe, agus beannachd na màthar aig am bheil an cridhe briste, air ceann an fhir a thainig ugainn leis an naigheachd mhath! Ach innis dhomh—innis dhomh! ciamar a tha sin comasach? Mar a tha dòchas agad ri sonas anns an t-saoghal so, agus anns an ath shaoghal, na bi ’g am mhealladh!” “Cha mheall mise sibh gu bràth!—gu bràth!” ars’ an seòladair, agus e ’breith air laimh oirre ’na dhà lamh. “Cha ’n ’eil agam ri radh ach gu ’m bheil Tomas Elliot beò, slàn.” “Cha ’n ’eil e ’gar mealladh idir,” ars’ Ealasaid Bell, agus i ag éiridh as an àite ’san robh i ’na suidhe; “tha coltas na firinn air ’aghaidh.” Thug i ceum gus a dhol far an robh an seòladair; ach chuir Mac Iain a lamh mu ’n cuairt d’ a meadhain gus a cumail far an robh i. “Leig as an nighean, a dhuine gun nàire,” ars’ an seòladair ’s e ’toirt cruinn leum as an àite ’san robh e; “gun mise ’bhith ann mur leig mi solus an latha troimh ’n chliathaich agad mu ’n tarr thu sealltainn ugad no uat!” Agus an uair a rug e air an nighinn mhaisich ’na ghàirdeanan, thuirt e, “A Bheti! a Bheti! mo ghradh! am bheil thu idir ag aithneachadh do Thomais fhein? ’Athair, a mhathair, am bheil sibh idir ’g am aithneachadh? Cha ’n fhaod e bhith gu ’n do dhichuimhnich sibh bhur mac fhein? Ma thug dà bhliadhna dheug atharrachadh air a ghnùis, tha ’chridhe cho blàth ’s a bha e riamh.” Chruinnich ’athair ’s a mhàthair ’s a bhràithrean mu ’n cuairt dha, agus iad a’ caoineadh, ’s a’ gàireachdaich, ’s a’ faighneachd mòran cheisdean dheth. Chuir e lamhan mu amhaich aon an deigh aon dhiubh; agus mar fhreagairt do na ceisdean a bha iad a’ cur air, thuirt e, “So, so, tha ùine gu leòr againn gus na ceisdean sin a fhreagaiat, ach cha ’n ann an diugh!” “Cha ’n ann, mo leanabh,” ars’ a mhàthair. “Cha chuir sinn ceisd sam bith ort—cha chuir duine sam bith ceisd ort; ach ciamar—ciamar a spionadh air falbh uainn thu, mo ghradh? Agus, oh mo cheisd! C’ aite—c’ aite an robh thu?” “Is e tha ’n sin naigheachd fhada, ’mhàthair,” ars’ esan, “dh’ fheumainn seachdain gus a h-innseadh. Ach air a shon sin, gus naigheachd ghoirid a dheanamh dheth, tha cuimhn’ agaibh an uair a bha ’n tòir air an fheadhainn a bha reic na branndaidh gu ’n robh iad ag iarraidh air m’ athair cead a thoirt dhaibh a cur am falach anns an taigh againn. Dhiult m’ athair cead a thoirt dhaibh. Dh’ fhalbh iad, agus iad a’ maoidheadh gu ’n deanadh iad dioghaltas air, agus rinn iad sin. A dhà bhliadhna dheug gus an diugh, chaidh mise am mach gus Ealasaid agus a h-athair a choinneachadh, agus thachair buidheann dhiubh rium am falach anns an Toll Dhubh. Ann an tiotadh bha dusan daga ri m’ uchd, agus an uair a cheangail iad mo lamhan ri m’ chliathaichean, shlaod iad mi do ’n t-slochd. Cha robh mi fada ’nam phrìosanach aca, an uair a thainig an sneachda ’na mhill mhòra a nuas o bhruaich nam beann, agus dhùin e beul an t-sluichd gu buileach. Air an ath oidhche ghearr iad rathad troimh ’n t-sneachda, agus an uair a cheangail iad mi air muin eich, dh’ fhalbh iad gu cabhagach leam, agus fear dhiubh air gach taobh dhiom. Mu ’n d’ thainig an latha bha mi air mo stobhadh mar gu ’m biodh sgonn maide anns a’ bhàta ’bh’ aca. An ceann seachdain chuireadh air bòrd long chogaidh Dhuitseach mi, agus fad shia bliadhna bha sinn a’ seòladh o àite gu àite. Mu dheireadh fhuair an long òrdugh a dhol a chogadh ri Admiral Duncan aig Camperdown. Bu cho math leam a bhith air mo thoirt ’nam mhìrean as a chéile ri dhol a chogadh an aghaidh mo luchd-dùthchadh, m’ fhuil is m’ fheòil fhìn. An uair a thainig sinn dlùth air an luing Bhreatunnaich ’sa thòisich sinn ri losgadh leis na gunnachan mòra, ann an ceò an fhùdair leum mi leis a’ chliathaich, agus shnàmh mi a dh’ ionnsuidh a’ chabhlaich Bhreatunnaich. Cha dichuimhnich mi gu bràth a’ mhionaid anns an d’ fhuair mi mo chasan air bòrd na luing-chogaidh Bhreatunnaich! Bha mi ’g am fhaireachadh fhin cho làidir ris an darach dhe ’n robh i air a togail, agus bha mo chridhe cho saor ris a’ bhrataich a bha ’snàmh am barr a’ chroinn aice. Bha mi cho trang ri fear sam bith eile a bh’ air bòrd fhad ’s a bha ’m batal ag obair; agus an uair a bha e seachad, agus a fhuair mi mi-fhìn am measg mo luchd-dùthchadh, agus iad uile ’labhairt na cànain a bh’ agam fhìn, ar leam—cha mhor nach robh mi ’creidsinn—gu ’m bu chòir dhomh m’ athair, agus mo mhàthair, agus Ealasaid mo rùin, fhaicinn air bòrd na luing-chogaidh Bhreatunnaich. Bha mi ’n dùil an uair ud gu ’m faicinn sibh uile rithist ann an ceann beagan sheachdainean air a’ chuid a b’ fhaide. Ach an àite tilleadh do Shasunn, thainig oirnn a dhol a dh’ àit’ eile. Mu dheidhinn sgrìobhadh do ’r n-ionnsuidh, cha d’ fhuair mi cothrom peann a chur air paipear ach aon uair. Bha sinn air acaire mu choinneamh daingnich Fhrangach. Bha pacaid aig a’ chliathaich, agus i deas gu seòladh. Bha mi ’n déigh aon taobh duilleig a sgrìobhadh, agus bha mi ’tachas mo chinn feuch an smaoinichinn cia mar a sgrìobhainn ugadsa, Ealasaid, mo luaidh, an uair, mar a bha am mi-fhortan an dàn, a thainig oifigeach far an robh mi, agus thuirt e rium, ‘Elliot, tha fhios agam gur toigh leat a bhith ann an caonaig. Tiugainn, a bhalaich, suidh aig ràmh bràghad feuch an teid sinn air bòrd te dhe na loingeas Fhrangach a tha faisg’ air an daingnich.’ Cha b’ urrainn domh diultadh. Dh’ iomair sinn gu tìr, agus chuir sinn té dhiubh ’na teine. Agus bha sinn a’ cur na dara té ’na teine an uair a thainig fras de pheilearan meinbhe o ’n daingnich. Tholladh am bàta ’bh’ againn, mharbhadh an t-oifigeach, agus an darna leith dhe ’n sgiobadh, agus ghlacadh am beagan a bha beò dhinn, agus chuireadh ann am prìosan sinn. Cha ruig mi leas teannadh ri innseadh dhuibh mar a fhuair sinn teicheadh as a’ phrìosan. Ach theich sinn co dhiubh; agus suidhidh Tomas aon uair eile agus a’ chathair fhalamh.” Ma tha toil aig neach sam bith tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn mar a thachair ’na dheigh so, foghnaidh dhuinn a radh, gu n do phòs Tomas agus Ealasaid gu math tràth air an ath bhliadhna, agus gu ’n robh aig Padraig Elliot de thoileachadh na chunnaic a’ chathair fhalamh a rithist air a lionadh, agus gu ’n robh na h-iar-oghachan air a ghlùin. (A’ chrioch). Tha daoine glice ’g innse dhuinn gu ’n toir deagh ghniomharan agus caoimhneasan a ni sinn ri muinntir eile toileachadh mor dhuinn. Ach ’s e dh’ eirich dhuinn uile nach tric leinn gniomh math no caoimhneas a dheanamh ri neach eile ach nuair a tha sinn a cheana toilichte; agus mar sin cha ’n eil sinn daonnan comasach air a bhi cinnteach co-dhiu tha no nach eil na tha na daoine glice ’g innse fior. [TD 147] [Vol. 10. No. 20. p. 3] Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. VIII. AN uair a chunnaic a’ bhean bhochd gu’ n robh a mac na bu mho as a chiall na bha e riamh, thug i gu tuiream ’s gu caoineadh ’s gu bualadh a h-aghaidh agus a h-uchd. An aite fas na bu shiobhalta an uair a chunnaic e a mhathair a’ sileadh nan deur, is ann a bha Abou Hasan air a bhrosnachadh gu corruich cho mor ’s gu’n d’ eirich e a ghabhail oirre. Rug e air slait ann an doigh a chuireadh eagal air neach sam bith ach a mhathair, agus thuirt e: “Innis dhomh anns a mhionaid, a bhoirionnaich aingidh, co mi.” “Cha ’n ’eil mi ’creidsinn, a mhic,” ars’ ise ’s i ’g amharc air le suil bhlath, gun fhiamh gun eagal, “gun do leig Dia bhar a lamh thu cho mor ’s nach aithnich thu aon chuid do mhathair a chuir a dh’ ionnsuidh an t-saoghail thu, no thu fhein. Is tu gun teagamh mo mhac Abou Hasan; agus tha thu gle fhada cearr an uair a tha thu ’smaointean gur tu an righ Haroun Alraschid, an deigh na gibht a chuir e gu h-uasal agus gu fialaidh g’ ar n-ionnsuidh an de. Rinn mi dichuimhn air innseadh dhut gu ’n d’ thainig Giafar an so an do, agus gu ’n do chuir e sporran anns an robh mile bonn oir ’nam laimh, agus gu ’n d’ iarr e orm a bhith ’g urnuigh air son Ceannard nan Creidmheach a chuir g’ am ionnsuidh e. Agus nach bu chuir dhutsa a bhith na bu thaingeile na mise air a shon so, o ’n is tu is fhaide ’bhios beo?” Chuir na briathran so Abon Hasan air a’ chaoch buileach glan. Thug na dh’ innis a mhathair dha mu ’n sporran anns an robh am mile bonn oir air a chreidsinn buileach glan gu ’m b’ e fhein an righ, oir bha cuimhne mhath aige gu ’n do chuir e Giafar g’a h-ionnsuidh leis an sporran. “A sheana chailleach ghranda,” ars’ esan, “an creid thu mi an uair a tha mi ’g innseadh dhut gur mise a chuir ugad am mile bonn oir le lamh Ghiafar m’ ard-chomhairleach. Ach an aite mo chreidsinn is ann a tha thu g’ am chur troimh a cheile le bhith ’cumail am mach gur mi do mhac; ach nithear peanas ort gun dail.” An uair a thuirt e so, dh’ fhas e, agus e fo bhuaidh na feirge, cho mi-nadarra ’s gu ’n do ghabh e oirre leis a’ bhata. An uair a chunnaic a mhathair bhochd gu ’n do thoisich e ri gabhail oirre, thoisich i ri glaodhaich ’s ri iarraidh cuideachaidh. Chuala na coimhearsnaich i, agus ghrad thainig iad g’ a teanacsa. Lean Abon Hasan air a bualadh, agus a h-uile buille a bheireadh e dhi, dh’ fheoraicheadh e dhi, am b’ e fhein Ceannard nan Creidmheach? Agus fhreagradh i an comhnuidh, agus theireadh i gu ’m b’ e a mac. An uair a thainig na coimhearsnaich, bha fearg Hasain air a dhol na bu lugha. A’ cheud fhear a thainig do ’n t-seomar, chaidh e eadar Abon Hasan agus a mhathair, agus an uair a thug e uaithe am bata ’bh’ aige ’gabhail oirre, thuirt e ris: “Ciod e tha thu deanamh, Abon Hasain? An do chaill thu gu buileach eagal Dhe agus do chiall? An do ghabh mac riamh a fhuair a thogail cho math riutsa air a mhathair fhein a bhualadh? Am bheil naire ort a chionn mathair a bha cho gaolach ort a bhualadh air an doigh sin?” Bha Abon Hasan lan feirge, agus gun fhacal a radh dh’ amhairc e air an duine a labhair ris; agus an uair a dh’ amhairc e gu dur air na daoine eile a thainig a steach, thuirt e: “Co ’n t-Abon Hasan mu ’m bheil sibh a’ bruidhinn? An ann ormsa a tha ’n t-ainm so agaibh?” Chuir na ceisdean so annas gu leor air na coimhearsnaich. “Cia mar nach ’eil fhios agad,” arsa fear dhiubh “gur i so do mhathair a rug ’s a dh’ araich thu, agus a bha ’n comhnuidh a’ fuireach comhladh riut?” “Bithibh a’ falbh as mo shealladh, a dhaoine gun mhodh, gun mhothachadh,” ars’ Abon Hasan; “cha ’n aithne dhomh aon chuid ise no sibhse, agus cha mho a tha toil agam eolas a chur oirre. Cha mhise Abon Hasan. Is mi Ceannard nan Creidmheach, agus bidh fios agaibh air sin air bhur cosg.” An uair a chuala na coimhearsnaich na briathran so, cha robh teagamh aca nach robh e glan as a chiall. Agus air eagal gu ’n deanadh e cron air fhein no air daoin’ eile, rug iad air agus cheangail iad a lamhan ’s a chasan. Agus ged nach robh comas aige air cron a dheanamh, cha robh iad deonach ’fhagail comhladh ri ’mhathair. Ruith dithis dhiubh far an robh fear-gleidhidh an taigh-chaoich. Thainig e gun dail agus geimhlean is glas-lamh aige, agus aireamh mhath de luchd-cuideachaidh comhladh ris. An uair a chaidh iad a steach do ’n t-seomar, thoisich Abon Hasan ri spreartaich feuch an rachadh aige air e fhein fhuasgladh. An uair a thug iad dha a dha no tri de shrachdan matha mu na guaillean le slait, dh’ fhan e cho samhach ’s gu ’n d’ rinn iad an rud a thogair iad ris. Cho luath ’s a cheangail iad e, thug iad leoth’ e do ’n taigh-chaoich. An uair a chaidh iad am mach as an taigh leis, chruinnich an sluagh mu ’n cuairt dha. Bha cuid dhiubh ’g a bhualadh, agus bha cuid eile ’magadh air, agus ag radh nach robh ann ach an dearg amadan. B’ e so an fhreagairt a thug e dhaibh: “Cha ’n ’eil cumhachd is morachd ann an neach sam bith ach ann an Dia, uile chumhachdach. Tha iad a’ deanamh diol amadain orm, ged a tha mo thur ’s mo chiall agam. Tha mi ’fulang an ainneirt agus na masladh so air son gradh Dhe.” Thugadh do ’n taigh-chaoich e, agus chuireadh ann an iaruinn e. Ach mu ’n do chuireadh a staigh e, thugadh dha leith cheud buille le slait. A h-uile latha fad thri seachdainean bha e ’faotainn an uiread so de bhuillean, agus bha iad ag radh ris nach b’ e Ceannard nan Creidmheach. Theireadh e riutha a h-uile latha: “Cha ’n ’eil mi as mo chiall; ach nam biodh feum agam air bhur cuideachadh, cha b’ urrainn sibh doigh a b’ fhearr a ghabhail gus mo chur as mo chiall na ’n doigh a tha sibh a’ gabhail. Cha ’n ’eil feum agam air bhur cuideachadh.” Bha mathair Abon Hasain a’ dol a h-uile latha far an robh e; agus cha b’ urrainn i gun a bhith ’gul ’s a’ caoidh an uair a bha i ’faicinn an droch dhiol a bha iad a’ deanamh air, agus mar a bha e ’dol as o latha gu latha. Bha ’ghuaillean, a dhruim, agus a thaobhannan cho dubh agus cho goirt leis na bha e ’faotainn de bhuillean ’s nach robh e, ach gann, comasach air e fhein a thionndadh. Bha toil gu leor aig a mhathair labhairt ris gus comfhurtachd a thoirt dha, agus gus deuchainn a chur air feuch an robh e ’smaointean gu ’m b’ e fhein an righ, ach cha bu luaithe thoisicheadh i ri bruidhinn ris na dh’ fhasadh e cho cas, crosda rithe ’s gu ’m b’ fheudar dhi tilleadh dhachaidh mar a thainig i. Beag air bheag thoisich Abon Hasan ri smaoineachadh gur docha, an deigh a h-uile rud a bh’ ann, nach b’ e fhein an righ idir. Theireadh e uair is uair ris fhein: “Ma bha mi ’nam righ, cia mar a thachair dhomh an uair a dhuisg mi, mi-fhin fhaotainn ’nam thaigh fhin, agus ’nam eideadh fhin? C’ar son nach robh seirbhisich is mnathan-uaisle maiseach a’ frithealadh dhomh? C’ar son a threig Giafar agus maithean eile na cuirte mi gu buileach an deigh dhaibh a bhith ’deanamh umhlachd ’nam lathair an de? Na ’n robh ughdarras sam bith agam thairis orra, cha ’n ’eil teagamh nach robh iad air mo thoirt as an aite thruagh so fada roimhe so. Cinnteach gu leor bu choir dhomh a chreidsinn gur e bruadar a chunnaic mi. Tha e fior gu leor gu ’n d’ thug mi ordugh do ’n bhreitheamh dioghaltas trom a dheanamh air an t-sagart agus air a cheathrar chompanach. Thug mi ordugh do Ghiafar am mile bonn oir a thoirt do m’ mhathair, agus gu ’n d’ thugadh umhlachd do gach aithne a thug mi seachad. Tha na nithean so uile ’gam chumail o bhith lan-chreidsinn gur e bruadar a chunnaic mi, agus cha ’n urrainn mi a’ chuis a thuigsinn idir. Ach tha moran nithean ann nach urrainn mise ghabhail a steach, ach cuiridh mi m’ earbsa ann an Dia do ’n aithne na h-uile nithean.” Bha Abon Hasan a smaointean air na nithean so an uair a thainig a mhathair g’ a fhaicinn. An uair a chunnaic i gu ’n robh e air a dhol as cho mor, thoisich i air sileadh nan deur gu frasach. Chuir i failte air mar bu ghnath leatha, agus fhreagair e gu modhail i, rud nach d’ rinn e o ’n a chuireadh do ’n taigh-chaoich e. Bha so na chomharradh gle mhath leatha. “Seadh, a mhic,” ars’ ise, agus i ’tiormachadh a suilean, “cia mar a tha ’dol dhut, agus cia mar a tha thu ’ga d’ fhaireachadh fhein? An do chuir thu cul ris na beachdan amaideach a chur an droch spiorad ’nad cheann?” Fhreagair Abon Hasan a mhathair gu ciuin, siobhalta, agus coltas air fuaim a ghuth gu ’n robh aithreachas air air son an uilc a rinn e oirre, agus thuirt e: “Tha mi ’g aideachadh gu ’n deachaidh mi fada cearr, agus tha na rinn mi oirbh a’ cur oillt orm, agus tha mi ’guidhe, air an aobhar sin, gu ’n toir sibh mathanas dhomh. Tha mi ’g iarraidh mathanais air na coimhearsnaich mar an ceudna air son cho mi-mhodhail ’s a bha mi riutha. Bha mi air mo mhealladh leis an aisling a chunnaic mi; ach bha i cho fior neo-chumanta, agus cho coltach ris an fhirinn ’s gu ’m bheil mi ’creidsinn gu ’m biodh e nadarra gu leor do dhuine sam bith a chitheadh i a bhith ciontach do gach gniomh dhe ’n robh mise ciontach. Agus tha mi an drasda fhein ’nam bhreislich cho mor mu dheidhinn a’ ghnothaich ’s gur gann a theid agam air toirt orm fhin a chreidsinn nach do thachair a h-uile dad a bha mi ’g radh. Bha e cho coltach ri rud a thachradh do dhaoine ’nan dusgadh. Ach ciod sam bith rud a bh’ ann, tha mi nis, agus bidh mi ’na dheigh so, ag amharc air mar bhruadar, agus mar mhealladh. Tha mi lan-chinnteach nach mi an righ agus Ceannard nan Creid mheach, ach Abon Hasan, bhur mac fhein, mac duine air an robh mi an comhnuidh a’ cur urram, gus an latha mi-fhortanach ud a bhios ’nam chuimhne, agus a bhios a’ cur mi-ghean orm ri mo bheo.” An uair a chuala ’mhathair na briathran turail so, sguir i de shileadh nan deur, agus bha a bron air a thionndadh gu aoibhneas. “A mhic,” ars’ ise, “cha ’n urrainn mi cainnt a chur air an aoibhneas a th’ orm a chionn a bhith ’g ad chluinntinn a’ labhairt cho turail. Tha uiread a dh’ aoibhneas orm ’s ged a bhithinn air do thoirt thun an t-saoghail an dara uair. Tha aon rud ann air nach do ghabh thusa beachd. Dhichuimhnich an coigreach a thug thu do ’n taigh an oidhch’ ud gus a shuipear a ghabhail comhladh riut an dorus a dhunadh mar a dh’ iarr thu air, an uair a dh’ fhalbh e. Agus tha mi ’creidsinn gu ’n d’ thug so cothrom do ’n droch spiorad tighinn a steach, agus d’ inntinn-sa a chur (Air a leantuinn air taobh 150). [TD 148] [Vol. 10. No. 20. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, DESEMBER, 20, 1901. LATHA NA BLIADHN’ UIRE. CHA bhiodh e as an rathad dhuinn aig an àm so, a chionn gur e so an àireamh mu dheireadh dhe ’n MHAC-TALLA a thig am mach roimh Latha na Bliadhn’ Uire, facal no dha a ràdh ri ar leughadairean mu ’n latha sin. Agus tha sinn a toirt nam briathran a leanas á “Caraid nan Gaidheal,” a bha air an sgriobhadh faisg air tri fichead bliadhna air ais leis an Urr. Tormad Mac Leòid, sgriobhadair Gàilig cho math ’s a chur peann riamh ri paipear:— “Ann an dùrachd mo chridhe chuirinn fàilt’ oirbh, a mhuinntir mo dhùthcha agus mo ghràidh. Chuir roth mòr an t-saoghail a’ chuairt sin aon uair eile a thug bliadhn’ ùr d’ ar n-ionnsuidh. Bhuail uaireadair mòr nàduir aona bhuille eile a chual’ an saoghal o thaobh gu taobh, ag innseadh do gach neach aig am bheil cluas chum éisdeachd, no tuigse chum a thoirt fainear, gu ’m bheil iad a nis bliadhna na ’s sine—bliadhna na ’s dlùithe air bàs agus air siorruidheachd. “Mo luchd-dùthcha ionmhuinn, chaidh earrann àraidh d’ ar n-aimsir seachad, agus tha sinn a tòiseachadh air earrainn ùir. De na bliadhnachan ainneamh agus neo-chinnteach a tha air an luthasachadh dhuinn, tha aon eile ’an déigh dol seachad, leis gach curam agus iomaguin—leis gach aoibhneas agus toileachas-inntinn a bha ’n a lorg. Dh’ fhalbh i—agus cha phill i tuilleadh. Ar leinn gu ’m b’ fhada ’bhliadhna le amharc romhainn ’n uair a thòisich i; ach O! cia gearr i nis ’n uair a dh’ amhairceas sinn air ar n-ais oirre. Mar so tha bliadhna ’n deigh bliadhna ’dol seachad, agus ’n uair thig iad gu crìch, ciod a’s urrainn duinn a ràdh, ach gu ’n do chaith sinn iad mar sgeul a dh’ innseadh. “A mhuinntir mo chridhe, a’ seasamh mar tha sinn an diugh air stairsnich na Bliadhn’ Uire, thugamaid fainear cor spioradail ar n-anama. Air dhuinn fios na h-aimsir’ a bhi againn, mosglamaid as ar cadal, a’ cuimhneachadh cho cinnteach ’s a tha ’ghrian an diugh a’ soillearachadh an t-saoghail, agus a tha anam ’n ar com, gu ’m bheil na mìltean an diugh a’ dol a steach air a’ bhliadhn’ ùir gu meamnach, slàn, fallain, a bhios ann an siorruidheachd fada mu ’n tig i gu crìch. Co dhiubh a thachras so dhomhsa no dhuitse, aig Dia, agus aig Dia a mhàin, tha brath. “Chum ar brosnachadh gu feum iomchuidh a dheanamh d’ ar n-ùine, cuimhnicheamaid cia neo-chinnteach ’s a tha ar làithean. Tha ar n-aimsir gu dearbh gearr; nach goirid a’ chuairt a tha eadar a’ chreathall ’s an uaigh—eadar àm ar breith agus àm ar caochlaidh? “Sibhse a’s fhaide ’bha anns an t-saoghal so, aig am bheil an ceann liath ’s an ceum goirid, ath-chuimhnichibh na làithean a dh’ fhalbh, agus innsibh dhuinn ’ur beachd umpa. Tha mi ’g ’ur cluinntinn a’ freagairt, ‘Chaith sinn ar bliadhnachan mar sgeul a dh’ innseadh.’ Cha ’n ’eil spàl an fhigheadair na ’s luaithe na bha ar làithean, no an dreag a tha ’ruith troimh ’n speur. Theirig do ’n chladh, agus éisd ris na tha na leaca-lighe ann an sin ag ràdh, oir cha dean iadsan breug. Am bheil luchd-àiteachaidh nan caol-tighean dorcha sin gu léir aosda? Cha ’n ’eil; tha cìochrain mhaoth’ ann an sin, a tharruing an osna agus a dh’ eug; tha leanaban ann an sin a chaidh sios ann an àird’ an àilleachd; agus òigridh ann an trein’ an neart. Ciod i, ma ta, ar beatha? Tha i mar neul a tha ’dol seachad, mar luibh mhaoth na machrach, a tha sgiamhach, bòidheach an diugh, agus am màireach a ghearrar sios. O! ’mhuinntir mo chridhe ’s mo ghaoil, bitheamaid glic, agus deanamaid feum maith d’ ar làithean! An uair a dh’ fhaodas sinn a ràdh gu ’m bheil ar n-obair criochnaichte, an sin faodaidh sinn a bhi dìomhanach; agus gus an tig sin, mosglamaid, agus bitheamaid air ar faicill, agus guidheamaid gach aon againn air Dia gu ’n neartaicheadh e sinn chum an seann duine le ’ghniomharaibh a chur dhinn agus a leigeadh air cùl maille ris an t-seana bhliadhna, agus gu tòiseachadh na Bliadhn’ Uire mar dhaoine nuadh. “Tha e gnàthaichte air an àm so, ’n uair choinnicheas càirdean, gu ’n guidh iad Bliadhna Mhaith Ur d’a chéile, agus gu ma h-amhuil sin duibhse. Dia ’bhi maille ribh ré na bliadhna agus gach là agus oidhche fhad ’s is beò sibh! Gu ’n robh Esan maille ribh, ’g ’ur stiùradh ’n ’ur n-uile cheumannaibh; a’ toirt faochaidh dhuibh ann an àm deuchainn, agus a’ beannachadh dhuibh uile shochairean na beatha.” EIRIONNAICH CHEANNAIRCEACH THA cuid de mhuinntir na h-Eirinn aig an àm so a nochdadh ceannairc an aghaidh riaghladh Bhreatuinn. Thagh aon de shiorrachdan na dùthcha gu bhi ’na fhear-parlamaid an Coirneal Lynch, fear a bha giùlan airm an aghaidh Bhreatuinn air a bhliadhna dh’ fhalbh ann an Africa mu Dheas. Cha ’n eil e ro choltach gu ’m faigh e cothrom suidhe ’sa phàrlamaid, ach tha a thaghadh a leigeil ris nach eil gràdh sam bith aig moran de mhuinntir a dhùthcha do’n riaghladh Bhreatunnach. Bha fear-parlamaid eile, Conor O’Kelly, air a chur do ’n phrìosan an la roimhe air son a bhi cumail choinneamhan ’sa liubhairt òraidean ceannairceach. Agus bha triùir dhaoin’ eile, Iain E. Redmond, Tomas O’Donnell agus Paraig McHugh, air chuairt ann an Canada ’s anns na Staidean ré an da mhios a dh’ fhalbh, a cruinneachadh airgeid do ’n chomunn d’ an rùn Eirinn fhuasgladh o’n chrùn Bhreatunnach. Tha iad so uile a gearain gu mor air an ainneart a thatar a deanamh air muinntir na h-Eirinn le Breatunn. Aig an àm cheudna cha ’n eil dùthaich fo ’n ghréin anns am faodadh iad imeachd sios agus suas a teagasg ceannairc na h-aghaidh ach Breatunn fhéin. Tha iad mar sin le an deanadas fein a’ dearbhadh gu bheil iad da rireadh a mealtuinn na saorsa a tha iad, ma ’s fior, a sireadh, agus gu bheil iad ’ga mealtuinn ann an tomhas na ’s motha na gheibheadh iad ann an dùthaich sam bith eile. AFRICA MU DHEAS. CHA ’N eil sgeul ùr no annasach sam bith a tighinn á Africa mu Dheas. Tha Morair Citchener gach seachdain a’ cur fios dhachaidh mu bhuidhnean Boerach a bhi air an glacadh, agus mu bhlàir bheaga bhi air an cur an sid ’s an so air feadh na dùthcha—cuid a dol leis na Breatunnaich agus cuid nan aghaidh. Saoilidh sinne tha aig an taigh agus do nach eil ach fior bheagan eòlais mu ’n dùthaich ’s mu ’n chogadh air a dheònachadh gu ’m bu chòir e nise bhi dlùthachadh air a chrìch—gu bheil an t-àm aig na Boerich striochdadh agus do ’n t-sìth a bhi air a nasgadh. Ach is aon rud a bhi cogadh ri nàmhaid agus rud eile bhi leughadh eachdraidh a’ chogaidh sin anns na paipearan-naigheachd. Cha ’n eil tuigse cheart againne air na cruaidh-chàsan ’s na duiligheadasan a tha aig ceannardan an airm ri choinneachadh air machraichean Africa, agus mar sin cha ’n eil e ro iomchuidh dhuinn a bhi toirt breth orra, ged tha sinn gle bhuailteach air a bhi ’ga dheanamh. Thig crioch air a chogadh ri ùine, agus nuair a thig e bidh sìth agus soirbheachadh anns a chearna sin dhe ’n t-saoghal nach robh ann riamh roimhe. Agus ged is àrd-labhrach cuid, a’ cur an ceill gur ann air son an saorsa tha na Boerich a’ cogadh, bidh barrachd dhe ’n t-sochair bheannaichte sin aca fo bhratach Bhreatuinn na bha aca riamh fo riaghladh Phoil Chrugair. CEANN A DEAS AMERICA. THA dùthchannan Cheann a deas America daonnan ri troimhe-cheile, agus tha iad ris aig an àm so mar is àbhaist. Tha ceannairc a dol air adhart ann an Colombia o chionn mios no dha air ais, agus cha ’n eil fhios fhathast ciamar a theid i. Tha aimhreit mar an ceudna eadar Chili agus na dùthchannan a tha criochnachadh rithe. Ach is cùis na ’s cudthromaiche na iad sin aimhreit a tha eadar Venezuela agus a Ghearmailt. Tha a’ Ghearmailt ag agairt air Venezuela suim mhor airgeid nach eil an dùthaich sin comasach air a phàigheadh. Tha Venezuela deònach mir fearainn a thoirt seachad an àite ’n airgeid, agus tha a Ghearmailt deònach a ghabhail. Tha na Staidean, a tha dhe ’n bharail nach còir do rioghachd Eòrpach sam bith tuilleadh fearainn fhaotainn ann an America, deas no tuath, a bacadh sin; ach aig an àm cheudna toirt làn chead do ’n Ghearmailt a cuid fhéin fhaotainn air doigh sam bith eile. Chan ’n eil Venezuela toilichte le sin; agus ma theid a Ghearmailt a thoirt a còirichean a mach le làmhachas làidir, faodaidh e bhith gu ’n teid an ceòl air feadh na fìdhle, agus gum bi barrachd us iad fein air an tarruing do ’n chòmhstri. INNLEACHD UR. THATAR air a bhliadhna so an deigh innleachd fhaotainn a mach leis am faodar fios telegraph a chur o aon àite gu àit’ eile gun wire no ceangal sam bith a bhi eatorra. ’S e ’s ainm do ’n fhear a dhealbh an t-innleachd so Marconi. Chaidh a feuchainn an toiseach air astair ghoirid, ach deireadh na seachdain s’a chaidh thug Marconi, a tha aig an àm an Newfoundland, a mach gu ’n d’ fhuair e fiosan agus an àite sin a thainig thar a chuain á Sasunn. Cha robhtar an toiseach a’ creidsinn gu robh so fior; ach tha eadhon Edison, a bha ’ga chur gu mor an teagamh ’ga chreidsinn a nis. Is innleachd iongantach i da rireadh, agus cha ’n eil fhios ciod a bhithear comasach air a dheanamh leatha an uair a gheibhear a deanamh coilionta. [TD 149] [Vol. 10. No. 20. p. 5] Naigheachdan. PRIS A GHUAIL—Tha pris a ghuail air eiridh ann am Boston ’s am bailtean eile ’s am bheil neart de ghual Cheap Breatuinn air a chreic. Tha so gle thaitneach do chuideachd a ghuail, ach bidh e trom air toirt orra pris a ghuail àrd achadh ann an so cuideachd. MEAIRLICH OGA—Toiseach na seachdain s’a chaidh, chaidh triùir ghillean òga ann a Halifacs fhaotainn ciontach air son goid, fear dhiubh air son goid uaireadair, agus an dithis eile air son goid airgeid. Fhuair am fear a ghoid an t-uaireadair tri bliadhna dhe ’n taigh-obrach; fhuair càch as le da bhliadhna, ach thugadh tri miosan a bharrachd do fhear dhiubh air son gàire fanoid a dheanamh an àm a bhi fàgail na cùrtach. OBAIR IARUINN SIDNI TUATH—Tha cuideachd iaruinn Nobba Scotia a rùnachadh obraichean a chur air adhart ann an Sidni Tuath, agus tha am baile sin a tairgse deich mile fichead dolair de chuideachadh dhaibh. Cha bhi an obair so ’sa cheud dol am mach uiread ris an obair a tha ann an Sidni, ach faodaidh i fàs, agus ’s i barail moran nach bi i idir cho cosgail a reir a meud, oir bidh e comasach mearachdan a rinneadh ann an togail na h obair-iaruinn an Sidni a sheachnadh. EAGLAIS UR CHAITLICEACH—Bha an eaglais ùr Chaitliceach a bha air a togail aig Whitney Pier air a coisrigeadh’s air a fosgladh air son aoraidh air Di-domhnaich, an ochdamh latha dhe’n mhios. Thòisich an t-seirbhis aig leth-uair an deigh deich ’sa mhaduinn, agus bha na sagairt á àireamh de na paraistean mu ’n cuairt a’ gabhail pàirt innte. B’ e an t-Urr. Dr. Siosal á Sidni Tuath a rinn an searmon. Tha an eaglais ùr so na togalach mor, comhartail, agus ann an deagh shuidheachadh. Tha’n t-Urr. Domhnull Domhnullach gu bhi ’na shagart innte. AN T-ADMIRAL SCHLEY—Toiseach an t-samhraidh s’a chaidh dh’ eirich aimhreit eadar an da admiral Gheancach, Sampson agus Schley. Bha Sampson a’ cur air Schley nach d’ rinn e cho math ’sa dh’ fhaodadh e aig blàr Santiago agus nach robh e cho treun ’s bu chòir do fhear a dhreuchd a bhith. Chaidh cùirt a shuidheachadh air son an fhirinn fhaotainn a mach, agus an deigh do ’n chùirt sin a bhi ’na suidhe dlùth air tri miosan tha Schley air a dhìteadh. A reir nam fianuisean a thugadh seachad, bha Sampson ceart anns gach casaid a rinn e. AN OBAIR-UISGE—Nochd an teine mor a bh’ anns a bhaile so air an naodhamh latha deug de dh’ October, nach robh an t-uisge th’ anns a bhaile aon chuid pailt no làidir gu leòr. Tha luchd an urrasachaidh air an aobhar sin an deigh pris an urrasachaidh àrdachadh, agus mar an ceudna ’cur mu choinneamh a’ bhaile obair-uisge na’s fhearr fhaotainn. Tha luchd-riaghlaidh a’ bhaile ’cur mu dheidhinn sin a dheanamh, agus bidh an obair a’ tòiseachadh an ceann ùine ghoirid fo laimh Mr Yorston, am fear a bha ris an obair cheudna do chuideachd an iaruinn. RIGH OTTO NA CHEILL—O chionn choig bliadhna fichead air ais bha Otto, righ Bavaria, gu buileach glan as a rian, agus bha aig bràthair athar dha ri bhi stiùireadh cùisean na rioghachd ’na àite. Tha fios air tighinn o chionn ghoirid gu bheil an duine bochd an deigh tighinn gu ’thùr fein, agus ma sheasas a chiall ris gu ’m bi e a riaghladh air a laimh féin mu ’n ruith moran tìme. Cha ’n eil cuimhn’ aig air ni sam bith a thachair ré na h-ùine bha e as a rian, agus tha e labhairt mu nithean a thachair anns a bhliadhna 1876 mar gu ’n tachradh iad an dé. BAS ’SA PHRIOSAN—Thainig bàs gle aithghearr air fear Henry Simpson ann am priosan a bhaile feasgar Di-dòmhnaich s’a chaidh. Chuir e, air iarrtus fein, oidhche Di-sathuirne seachad anns a’ phriosan. Bha e, a reir colta!s, gun àit aige ’s an gabhadh e tàmh. Leigeadh a mach ’sa mhaduinn e, ach mu mheadhon-latha dh’ iarr e a leigeadh a stigh a rithist. Bha aig an àm sin coltas na daoraich air. Chaidh a chur ann an aon de na seòmraichean, agus an ceann da uair fhuaireadh marbh e. B’e tinneas a’ chridhe dh’ aobharaich a bhàs. Tha bean us teaghlach aige ann am Pictou, far an robh e roimhe ann an deagh chothrom, a cumall bùth tàilleireachd. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois. AIMSIR BHRIAGHA—Tha an aimsir a fuireach anabarrach briagha ann an Ceap Breatunn. O ’n choigeamh latha deug de mhios deireannach an t-samhraidh, bha an t sìde cho briagha ’s a dh’ iarradh mac mathar. Thuit a cheud fhras shneachda air oidhche Di-màirt ’sa chaidh, agus tha nise deagh rathad sleighe ann. ’S ann gle ainneamh a chithear rathad sleighe cho tràth so ’sa gheamhradh ann an Ceap Breatunn. A DEANAMH CRUADHACH—Tha cuideachd an iaruinn o chionn àireamh mhiosan a deanamh iaruinn, agus tha iad a nise tòiseachadh air deanamh cruadhach. Nuair a bhios iad nan làn uidheam, bidh mu mhile tunna de chruaidh air a thionndadh am mach na h-uile latha. Thatar a’ meas gu ’m bi aig an àrd-riaghladh ri eadar millein us da mhillein dolair de bhounty a phàigheadh do ’n chuideachd air son cur am mach na bliadhna so. STOIRM ANN AM BREATUNN—Bha stoirm mhor ann am Breatunn deireadh na seachdain s’a chaidh. Thuit sneachda trom agus bha soirbheas làidir ann fad dha no tri lathaichean. Bha moran shoithichean air am bristeadh mu na cladaichean, agus bha uiread de phostaichean na telegraph ’s an telephone air an leagail ’s gu robh baile Lunnuinn ann an tomhas mor air a ghearradh as bho gach cearn eile dhe ’n duthaich. Anns an dòigh sin rinn an stoirm so barrachd millidh ’sa rinneadh le stoirm ann am Breatunn o chionn fichead bliadhna. AN DEAGH CHOISICHE—Bha aig fear Domhnull Mac Leoid, á Framboise, ri cùirt a sheasamh ann an Sidni Di-haoine s’a chaidh. Tha e tri fichead is coig bliadhna dh’ aois, agus tha a dhachaibh da fhichead is da mhile o’n bhaile, ach rinn e a h-uile ceum dhe ’n astar sin dh’a chois. Dh’ fhàg e Framboise maduinn Di-ciaduin, agus bha e ann an Sidni feasgar Dior-daoin. Cha ’n eil na ròidean eadar an da àite ro mhath nuair a’s fhearr iad, gun tighinn air an àm so dhe ’n bhliadhna. Faodar a thuigsinn mar sin gu robh Mac Leoid comasach air astar-latha math a dheanamh nuair a bha e òg ’s an treine ’neart. NA MEINNEAN GUAIL—Tha na mèinnean guail ag obair gu bras fhathast, ged a tha an geamhradh air tighinn, agus an àireamh a’s motha dhe na soithichean air sgur a ruith. Chaidh mèinn an International, ann am Bridgeport, a dhùnadh deireadh a mhios a dh’ fhalbh, ach thatar a nise ’ga fosgladh a rithist; cha b’ urrainn do na mèinnean eile gual gu leòr a chur a mach. Thatar an dùil gu ’m bi cur a mach na bliadhna so mu sheachd ceud gu leth mile tunna air toiseach air cur a mach na bliadhna ’n uiridh. Tha roinn mhath guail air a chreic ann an Norway o chionn mios no dha air ais, far am bheil e a toirt deagh riarachadh. SGIORRADH BATHAIDH—Air a turus eadar Newfoundland agus Sidni, bha pàirt de dh’ inneal na soithich Ella air a bhristeadh, (Dec. 9) agus b’ fheudar acair a thilgeadh faisg air eilean Scatarie. Chaidh coignear dhaoine dh’ fheuchainn ri tir a ruigheachd air son cuideachadh, ach bha a mhuir cho garbh ’s gu ’n deach am bàta ’san robh iad a chur thairis, agus bha ceathrar dhe ’n choignear air am bàthadh. Fhuaireadh am fear eile air eigin a shàbhaladh. Bha an soitheach air a toirt gu Sidni Tuath an ath latha. Bhuineadh dithis dhiubhsan a bhathadh do Norway, agus an dithis eile do Newfoundland. Bha iad air an tiodhlacadh ann an Sidni Tuath Di-dòmhnaich s’a chaidh. AN REISEAMAID CHANADACH—Tha an reiseamaid a tha Canada a’ cur do Africa mu Dheas ri bhi na’s motha na bhatar ag ràdh a bhitheadh i. ’S e sia ceud duine bhatar a rùnachadh a chur air falbh an toiseach, ach uaithe sin chaidh an àireamh a mheudachadh gu naoidh ceud. Ni an àireamh sin reiseamaid choltach, agus bheir i cuideachadh nach beag do ’n arm Bhreatunnach ann an cròthadh ’san cisneachadh nam Boerach—’s e sin ma bhios i cho math ris na reiseamaidean a chuireadh a mach roimhe. Bidh na soithichean air am bheil na saighdearan gu falbh a seòladh á Halifacs air an deicheamh latha dhe ’n bhliadhn’ ùir. Tha dithis a falbh á Sidni, Murchadh Mac Coinnich agus Domhnull Domhnullach. Bha iad le cheile anns an darra reiseamaid a chaidh a mach, agus cha d’ rinn iad ach tilleadh dhachaidh toiseach na bliadhna. Litir a Ceap Nor. THA comharran a gheamhraidh air tighinn air aghaidh na cearna so dhe ’n chruitheachd aon uair eile. Tha mu thri òirlich shneachda air an talamh, agus is goirid an ùine gus am bi sneachda gu leòr againn, agus a bheag no mhor ri sheachnadh. ’S ainneamh a ruigear a leas gearan air gainne sneachda an taobh so aon uair ’s gu ’n tig toiseach na bliadhna a stigh gu ruige deireadh an earraich; agus ged ’s minic a tha tuiteaman troma dheth a fàgail nan rathaidean car dona, is roghnaiche leinn sin féin na bhi le gainne sneachda gun rathad sleighe no carbaid, mar tha tachairt iomadh geamhradh an cearnan eile eadhon de Cheap Breatunn. Le pris a ghuail a bhi cho àrd, tha mi ’m barail gur gann a tha teaghlach sam bith a ceannach a bheag dheth o chionn bliadhna no dhà. Dlùth do ’n chladach tha cuid a cosg earrann nach beag de ’n gheamhradh a strì ri connadh “na bliadhna a thoirt am mach gu ’n dachaidhean. Tha cuid ’ga thoirt á glinn agus aghaidh na Beinne ’Tuath. Beagan mhìltean am mach o’n chladach ’s beag nach ’eil connadh pailt gu leòr aig gach neach, ’s tha cuid dhiubh ’ga reic ri ’n coimhearsnaich. Tha ’n sluagh gniomhach, agus tha iad uile foghainteach air chùl na tuaighe no aig an t-sàbh. Tha cuid dhiubh suas ri ceairdean ioma-ghneitheach. Tha cuid nan deagh chùbairean, agus cuid eile nan saoir nach ’eil cearbach, agus is ann dhiubh sin Alasdair bàn Mac Leoid, a ni cuibheall-shniomh agus iomadh seòrsa obair eile, cho math ’s a gheibhear ’san dùthaich, agus sin gun a bhi latha riamh fo neach eile ag ionnsachadh. O thuinich daoine geala ’san àite so an toiseach gus o chionn deich bliadhna fichead air ais, ’s a bha ’mhus pailt ’s na monaidhean, bha iomadh deagh shealgair ri fhaotainn nam measg. Rachadh iad am mach gach geamhradh ré dha no thri làithean, ’s mharbhadh iad dhe na feidh na dh’ fhoghnadh d’ an teaghlaichean re ùine fhada. Dhe na sealgairean teòma ud tha àireamh fathast a làthair, agus cuid dhiubh ann an treun an neart, mar tha Iain òg Caimbeul, agus Murchadh Mac Leòid; agus nam biodh iad a dol leis na Canadaich eile a tha ’dol gu h-aithghearr a’ chòmhnadh Citchener, agus gu ’n cuireadh iad a liughad Boerach o fheum ’s a leag iad dhe na féidh air feadh bheann ’us ghleann, cha bu bheag an cuideachadh iad ann an toirt a chogaidh fhadalaich ud gu crìch. ’S e an sealgair a’s aosda tha fhathast beò Rob Hellen. Tha e ’dol air adhart ’s an t-siathamh bliadhna deug thar ceithir fichead, agus choisich e a bhliadhna an t-samhraidh s’a chaidh na h-uile ceum o Bhaddeck timchioll rathad na h-Aimhne Meadhonaich, Margaree, Cheticamp agus Pleasant Bay, gus an d’ rainig e Ceap Nor. Bha daoine an dùil gur ann air a leaba-bàis a tha e air a bhi o chionn ghoirid, ach ’s ann a tha e nis a dol am feabhas o ’thinneas. Is iomadh sgeula a rachadh aig gach sealgair dhiubh sid aithris inu chaochladh cruaidh-chàsan troimh am b’ fheudar dhaibh dol ’nuair thachradh dhaibh a bhi air an glacadh le stoirmean sneachda, no uisge agus reothadh ’na dheigh, air chor ’s gu ’m biodh an t-aodach air reothadh umpa cho cruaidh ’s nach gabhadh putan dhe ’n aodach uachdair fuasgladh gun a bhi air a thaiseachadh le teas teine. Ach cha robh annta ach beagan ann an coimeas ri iomadh gnè dheuchainnean eile troimh an deachaidh na laoich ud ann an deanamh ullachaidh air an son fein agus air son an teaghlaichean. M. D. Ceap Nor, 30-11-’01. [TD 150] [Vol. 10. No. 20. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 147). gu buileach troimh a cheile. Agus air an aobhar sin, a mhic, is coir dhutsa taing a thoirt do Dhia air son na saorsa a fhuair thu, agus guidhe air gu ’n gleidheadh e thu ’na dheigh so o thuiteam ann an ribe an droch spioraid.” “Fhuair sibh am mach aobhar mo mhi-fhortain,” ars’ Abon Hasan. “B’ e sid a’ cheart oidhche air am faca mi an aisling a chur mo cheann troimh a cheile. Dh’ iarr mi air a’ mharsanta an dorus a dhunadh ’na dheigh; agus tha mi nis a’ faicinn nach do dhuin e e. Tha mi ’creidsinn, mar a tha sibh fhein, gu ’n d’ thainig an droch spiorad a steach an uair a fhuair e an dorus fosgailte, agus gu ’n do lion e mo cheann leis na beachdan amaideach ud. Is docha nach ’eil fhios aig muinntir Mhosuil, am bhaile as an d’ thainig am marsant’ ud, gu ’m bheil sinne a th’ ann am Bagdad lan-chinnteach gur e an droch spiorad a tha ’toirt oirnn a bhith faicinn bhruadaran amaideach an uair a dh’ fhagas sinn na dorsan fosgailte air an oidhche. Ach a mhathair, o ’n a tha sibh a’ faicinn gu ’m bheil mise, le comhnadh Dhe, air a dhol na ’s fhearr, air sgath Dhe thoiribh am mach as an droch aite so mi, agus saoraibh mi o laimh an fhir a tha, le peanas trom, air thuar mo bheatha ’chur an giorrad.” An uair a chual’ a mhathair cho glic ’s cho tuigseach ’s a labhair e, chaidh i far an robh fear-gleidhidh an taighe, agus an uair a fhuair e dearbhadh gu ’n robh Abon Hasan ’na chiall fhein, leigeadh am mach e. (Ri leantuinn). Bithidh Gach Ni Mar is Aill le Dia. SEALLAMAID gu h-aithghearr air na beachdan a dh’ ainmich mi. 1. THA CIONTA TOILLTEANACH AIR PEANAS. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil, ’nar measg-ne, iomadh ni air a mheas mar chionta nach cunntadh peacach ann an cuid de ’n aimsir a chaidh seachad; agus feudaidh e bhi gu ’n robh ar n-Aithrichean a’ meas ’n a pheacadh iomadh ni a chunntas sinne airidh air cliu. Ach tha nithean eile ann a tha air am meas ’n an cionta cho fad ’s a bhitheas daoine a’ gleidheadh comuinn a cheile. Is an orra so a mhain a tha na Sean-fhocail a’ tighinn thairis. Breugan, foill, ’us foirneart—cia air bith d’ aidmheil is peacannan iad so. Chunnaic ar n-Aithrichean a’ bhreug foill ’us foirneart, mar a chi gach neach, an uachdar, co-dhiu re tamuill, agus chuir iad am fein-fhiosrachadh an cainnt: “Cha seas a’ bhreug ach air a leth-chois;” “Imridh breug gobhal.” A ris: “Ge b’ e ’s measa, ma ’s e ’s treise, bithidh e ’n uachdar;” “Is coma leis an t-Saoghal c’ aite an tuit e.” Tha aon Sean-fhocal a tha toirt teagaisg air gach cor mi-fhallain, dioghaltach bruideil, calg-dhireach an aghaidh teagaisg coitchionn nan Sean-fhocal Ghaidhealach: “Maith air seann duine, maith air feall duine, maith air leanabh beag, tri maithean caillte.” Ach is ann air taobh firinn ’s an aghaidh foille ’s foirneirt a tha na Sean-fhocail: “Is mairg air nach bi eagal na breige;” “Fear na foille an iochdar;” “Cha d’ thug leis an truaill nach d’ fhuair leis a’ chlaidheamh;” “Cha bhi seasamh aig droch bheairt;” “Cha ’n fhaod an ciontach a bhi reachdach;” “Cha ’n eil air an olc ach gun a’ dheanadh.” Ma chi thu an ciontach a’ soirbheachadh, theirear riut: “Ge dail do fhear an uile cha dearmad.” Tha n t-Abstol Pol ag radh; ‘Ge b’e ni chuireas duine, an ni ceudna buainidh e.” Is ionann teagasg nan Sean-fhocal: “Tha smudan fein os cionn gach fòid;” “Mar chàras duine a leaba, ’s ann a luidheas e;” “Mar thuiteas a’ chraobh ’s ann a luidheas i;” “Tha thu ruith air t-aimhleas;” “Thig an donas ri iomradh.” Agus cha ’n e mhain so, ach tha e dlùth air bhi eu-comasach pilleadh o bhi ’g imeachd air slighe an uilc: “Thig iomadh olc á aon olc;” “’S ionann aithreachas criche ’s a bhi ’cur sil mu Fheill-martain.” Tha an Sean-fhocal mu dheireadh a dh’ ainmich mi a’ comharrachadh gu soilleir ri Saoghal eile anns am faigh peacadh a’ dhiol. Ach ’s e teagasg an iomlain diubh gu bheil cionta a’ giuian a pheanais fein ’n a uchd, agus luath no mall, anns a’ bheatha so fein, gu ’n nochdar so do gach neach. Tha mi meas gur dearbhadh so air aois nan Sean-fhocal. Cha ’n ’eil duais no peanas na Siorruidheachd air a chur fa d’ chomhair airson do dheanadais. Theirear: “Is buidheach Dia de ’n fhirinn;” ach cha ’n ’eil truaighe shiorruidh mar dhuais do ’n aingidh air ainmeachadh anns na Sean-fhocail. Gheibh sinn gun teagamh an ràdh: “Dean do sheunadh o’n Diabhul ’s o chlann an Tighearna (an Uachdarain);” agus tha cliu Chonain chrìn, mhaoil air a toirt seachad ’s an dà Shean-fhocal: “Cairdeas Chonain ris na deamhnaibh;” “Beatha Chonain am measg nan deamhan, ma ’s olc dhomh cha ’n fhearr dhoibh. “Cha ’n ’eil mi meas gu ’n abair neach gur teagasg ro fhallain so, aon chuid ’s an t-Saoghal so no ’s an ath Shaoghal, air a cho-cheangal a tha eadar cionta ’us peanas. 2. NEO-CHAOCHLAIDHEACHD FREASDAIL. Tha gach Sluagh air a bheil iomradh againn a’ creidsinn gu bheil a’ Chruitheachd a’ geilleadh do laghannan a tha neo-chaochlaidheach, do-atharraichte. Cha ’n ’eil eolas ard no fiosrachadh farsuing feumail a chum an creidimh so a dhaingeachadh. Tha ’n dearbhadh f’ ar comhair air gach taobh air an tiunndaidh sinn. Eirigh ’us luidhe greine; fas ’us crionadh na gealaich: cuairt ghreadhnach, riaghailteach nan reultan; earrach ’us samhradh, foghar ’us geamhradh; breith ’us fas, crionadh ’us bas gach creutair, gach craoibh ’s gach luis—an talamh mu ’n cuairt duinn ’s na speuran os ar cionn le aon ghuth a’ cur an ceill gu bheil oibre a’ chruthachaidh gu leir a’ toirt umhlachd iomlain do Lagh. Agus mar is doimhne rannsuicheas sinn ’s ann is neartmhoire an dearbhadh gu bheil gach ni beag agus mor, ard agus iosal, ann an co-cheangal diomhair ri cheile, agus gach ball de’n chorp uile-lathaireach so, ’n a aite fein, fo riaghladh nan laghannan d’ am bheil an corp uile umhail. Gu ruig so, tha mi meas gu ’m feudar a radh gu ’n robh daoine foghluimte anns gach linn ’s anns gach cearn de aon bheachd. Ach cha robh na b’ fhaide na so. Bha cuid a’ faighinn dearbhaidh ann an maise, an ordugh, ’s an riaghailteachd oibre Naduir, air Bith uile-chumhachdach agus uile-ghlic a chruthaich gach ni ’sa tha’g oibreachadh a mach a thoil neo-chaochlaidheach ’s a run siorruidh fein anns na laghannan d’ a’ bheil Nadur a’ geilleadh; bha cuid eile anns gach linn a bha creidsinn gu ’m b’e Nadur ’s a laghannan na h-uile. A ris bha cuid an comhnuidh a’ tagradh gu ’n robh co-dhiu aon ni’s a Chruthachadh nach robh fo riaghladh Lagha ach a Lagh fein—’s e sin toil an duine; bha cuid eile gu durachdach a’ stri ri dhearbhadh gu ’n robh toil an duine cho maith ri fas an fheoir fo riaghladh lagha gu teann, cruaidh, air dhoigh ’us nach robh ann an ‘saorsa na toile’ as an deanteadh uaill cho tric, ach faileus faoin leis am bitheadh daoine fein speiseil ’g am mealladh fein. Bha e gu tric a’ tachairt gu ’n robh iadsan a bha ’g aicheadh lathaireachd Dhe ag aicheadh saorsa toile an duine: ach, air an laimh eile, gheibhear moran de na daoine bu treine a chathaich airson lathaireachd Dhe nach aidicheadh gu ’n robh toil an duine saor. O thus ar n-Eachdraidh, tha dearbhadh air gu ’n robh Gaidheil na h-Alba a’ creidsinn ann an Dia, co-dhiu bha no nach robh an comhnuidh aca beachdan fallain mu thimchioll. Cha ’n ’eil mi cho chinnteach gu ’n robh am beachdan cho soilleis na cho aon-sgeulach mu shaorsa na toile. Cha ’n iongantach ged bhitheadh na Sean fhocail Ghaidhealach ag iarraidh oirnn sealtainn air da thaobh na ceiste so. Air an dara taobh cha ’n ’eil saorsa toile a reir coslais, comasach. Tha gach ceum do d’ bheatha air a shonruchadh dhuit, agus tha thusa gu h-umhail, dall, mar gu ’m bitheadh taod ri d’ shroin ’s neapacain mu d’ shuilean, a comhlionadh run nach leir dhuit fo riaghladh cumhachd nach aithne dhuit. Thug ar n-Aithrichean “dan” mar ainm air a’ chrannchur a bha air a chur a mach do gach neach. Cha robh ri dol seachad air. “Am fear d’ an dàn a’ chroich cha teid gu brath a bhathadh”; “Am fear d’ an dan an donas ’s ann d’ a a bheanas”; “An rud a bhitheas an dan, bithidh e do-sheachanta”; “Bha ’n la ’g a ruith”; “Bha sìneadh saoghail aige”; “Fear an t-saoghail fhada, cha bhi baoghal h-uige.” Cha ’n ’eil mi meas gu ’n cuireadh Turcach,—le phiob ’na phluic, le lamhan paisgte ’na shuidhe air a mhàsan, an uair a tha ’thigh ’n a lasair mu chluasan,—a chreidimh ann an cumhachd Naduir ’s ann an neo-nitheachd an Duine ann an cainnt a bu teinne na so. Ach tha taobh eile air a’ cheist. Bha ar n-Aithrichean ’n an daoine laidir, lughmhor, fearail. Bha an Tìr neo thorach, agus bha naimhdean lionmhor. Is ann le stri chruaidh a sholaireadh iad lòn, ’s a dhìonadh iad iad fein o’n naimhdean. A thuilleadh air so, cha mhor àitean anns an robh gnuis naduir ri faicinn cho muiteach, luaineach ri Gaidhealtachd na h-Alba. Monadh ’us srath, coill ’us linne, amhainn ’us caol, muir ’us tir air am measgadh ’s air an amladh ’n a chéile;—a ris caochlaidheachd na siontan, ’s a mhaduinn a ghrian is àille, air meadhon là “tairneanach ’us dealan speur,” mu fheasgar an doinionn a’ spionadh nan craobh as am bun. Dh’ fhaodadh an leithidean so de dhaoine, le leithid so de chaithe beatha, ’na leithid so de Thìr, an uair a rachadh cùisean ’n an aghaidh, ni-eigin de shòlas fhaotainn ann a bhi ’g radh, agus air dhoigh a’ creidsinn, gu ’n robh sud an dàn doibh; ach faodaidh sinn a bhi cinnteach cho fad ’s a bha chroich am folach orra, gu ’n robh iad a’ gluasad mar gu ’m bitheadh an dàn ann an tomhas mor ’n an lamhan fein. Dearbhaidh na Sean-fhocail so. Chunnaic sinn mar bha iad a’ teagasg gu ’n robh an ciontach toillteanach air peanas. Bu theagasg mi-sheadhar so mur b’ urrainn duine an t olc a sheachnadh. (Ri leantuinn). Airneis Taighe MAR Ghibhtean Nollaig Gheibh thu anns an stor againne na riaraicheas tu. Tha stoc mor againn air ur cheannach dhe gach seors’ airneis, moran dhiubh a bhios gle fhreagarrach mar ghibhtean. Gheibh thu luach mor air pris bhig. Gordon & Keith, Sidni, C. B. A. T. GRANT, Mgr. [TD 151] [Vol. 10. No. 20. p. 7] Fonn-fogradh nan Gaidheal. LE IAIN MAC GRIOGAIR. Air fonn:—“Ohuro, tha mi fo thursa.” ’S mise nochd tha briste, brùite, Ri cuir cùl a chaoidh ri m’ dhùthaich, Anns am b’ abhaist dhuinn bhi sùgradh, Sunndach, fallain, dlùth ri cheile. ’Chaoidh cha teid mi ’n àm an fheasgair ’Chumail comhail ris na fleasgaich, ’S ris na h-oighean bhoidheach, chneasda, B’ àirde meas am measg nan ceudan. C’ àit’ an teid mi? C’ àite, c’ àite? Nuair a thuiteas sios na sgailean; ’S fada bhuam a bhios gach àite, Far am b’ abhaist dhomh bhi céilidh. Ubh, ubh! ’s truagh a tha mi, ’S fliuch mo shuil le cridhe craiteach, Gabhail beannachd ris na cairdean, Null thar cuan gu brath ’g an tréigsinn. Dhé nan gràs, gur beag a shaoil mi Mi bhi fuadaicht’ feadh an t-saoghail, Gun duil tilleadh ris an aonach, Do ’n d’ thug mise gaol nach tréig mi. Chaill mi comunn, chaill mi càirdean, Chaill mi-fhein gach ni a b’ àill leam, Ach cha chaill mi cainnt mo mhàthar, Chaoidh gu ’m bual am Bàs gu geur mi. ’S moch a shiubhlainn feadh nam frithean, Slios nam beann gur ard a dhirinn, ’Tionndadh dhachaidh gu mo ribhinn, Nuair a dhiobradh teas na gréine. Mile marbhaisg air na brùidean, Leis ’m bu mhiann a riamh ar ciùrradh, Ri cuir fuadach as an dùthaich, Air na diùlnaich ghrinn bu treuna. Tir mo roghainn tir mo shinnsear, Thar gach tir a chaoidh a chi mi, ’S e bhi triall gu brath bho ’n rioghachd Dh’ fhag mi thin le m’ inntinn reubta. Beannachd leis gach cnoc is àirde, Beannachd leis gach gleann us àiridh, ’S e bhi chaoidh ri dol g’ ur fàgail, Rinn mo chridhe sgàint’ a leireadh. Oran Gaoil. Oich ù agus h-iùraibh éile, Oich ù agus h-iùraibh éile, H-iùraibh o, agus ho ro éile, ’S mo chruinneag dhonn, gur a trom ad dhéigh mi! C’ àite bheil i ann am Muile, Cruinneag bhoidheach is gile muineal, Ribhinn àluinn a’ bhroillich shoilleir, ’S bu deacair dhomhsa ’cur air a bonnaibh. Oich ù, etc. C’ àite bheil i ann an Albainn, Cruinneag bhoidheach is gile calpa— Slios mar fhaoilinn air aodann fairge, ’S gur h-e do throm-ghaol a rinn mo mharbhadh. Tha an oidhche nochd fliuch, fuaraidh, Laidh an sneachd air na beanntaibh shuas ud; Cha teid mise a dh’ fhios na gruagaich, Ach gus am fàs na gleanntan uaine. Cha teid mise do ’n mhonadh tuille, Bho nach d’ rinn mi bonn feum an diugh ann; Chaog mi ’n t-sùil ann ’s cha d’ rinn mi tuilleadh; Ghlac mi ’n crann bho ’n ’s e rinn mi buil dheth. ’N uair a theid mi thun na féille, Bidh mo shùil air a’ chruinneig ghlé-ghil, Is binne Gàidhlig ’s is deise Beurla, ’S bidh sàiltean àrd air a brogan eutrom. Tha do shùilean mar na smeuran, No mar dhearcagan donn an t-sléibhe— Dubh a’s donn ann am measg a chéile, ’S gu bheil ceann dubh air mo chruinneig ghlé-ghil. Tha do shùil ghorm, dhathte, bhoidheach, Fo d’ mhala chaol ann ad aodann mòdhail, Pearsa dhireach de dh’ fhior Chlann-Domhnuill; Gur math thig gùn duit an cuirt nan og-bhean. ’N uair a bha sinn air a’ bhuaile, ’S e luchd mi-ruin thog oirnn an tuaileas, Gu’n robh thu sinte fo m’ bhreacan-guaille, Cha robh, a ghaoil—O b’fhada bhuam thu. ’S ’n uair a bha sinn anns a’ mhonadh, ’S e bu bhiadh dhuinn na ciribh meala, Barr an fhraoich ’s e ’na chaoran meallach, ’S an eunlaith fhiadhaich a’ sgiallaich tharuinn. Iadsan a Phaigh. A. M. Dùghlach, Portsmouth, N. H. Padruig I. Mathanach, Graniteville, Vt. Walter S. Adams, New York. Iain G. Mac Eachuinn, Woburn, Mass. I. D. Mac Pharlain, Knappa, Oregon. An t-Ollamh Mac Fhionghain, Duneideann. Iain Domhnullach, Steornabhagh, Alba. Iain Mac-an-t-Saoir, Stratford, Ontario. Seoras Sutharlan, Gravenhurst, Ontario. Ruairidh Young, Sarnia, Ontario. Iain Mac Cuithein, Boothville, Ontario. Domhnull Domhnullach, Steornabhagh, Que N. D. Mac Iomhair, McLeod’s Crossing, Que D. B. Mac Amhlaidh, Milan, Que Murchadh Mac Gill-fhaollain, Roden, Man. Alasdair Seathach, Hilton, Man. Domhnull Mac Eoghain, Brandon, Man. Murchadh Mac Leoid, Selkirk, Man. Seumas N. Mac Fhionghain, Moosomin. A. Mac Fhearghais, Port Hammond, B. C. A. I. Domhnullach, Sandon, B. C. Iain Mac Gill-fhaollain, Bridgetown, P. E. I. Calum Buchanan, Braidalbainn, P. E. I. Alasdair D. Mac Leoid, Kinross, P. E. I. Calum Caimbeul, Kinross, P. E. I. D. B. Mac Leoid, High Bank, P. E. I. Alasdair B. Domhnullach, Double Hill, P. E. I. D. Mac Gill-fhaollain, St. George’s, P. E. I. M. D. Mac Cormaic, Launching, P. E. I. Iain A. Caimbeul, Heatherdale, P. E. I. S. M. Martuinn, Heatherdale, P. E. I. Murchadh Mac Leoid, Springton, P. E. I. An t-Urr Seumas Phelan, Montague Cross. Donnacha MacGriogair, Abhainn Deas, N. S. Lachuinn Camaran, Antigonish, N. S. Iseabail Dhomhnullach, Thorburn, N. S. Micheal Mac Fhionghain, Sidni. Calum A. Mac Leoid, Sidni. Bean Ghilleasbuig Dhonullaich, Sruileigh. An t-Urr A Mac-a-Phearsain, Bay St Lawrence. Aonghas Mathanach, Gut a Tuath. Bean Neill Mhic-Gillemhicheil, Hogomah. Aonghas Domhnullach, Abhainn Mhuileach Tearlach Buchanan, Sidni Tuath. Mairi B. Nic-a-Bhiocair, Port Morien. Iain S. Gillios, Loch Ainslie. Ruairidh Moireasdan, Rudha ’n Rothaich. Ruairidh Mac Phàic, Rudha ’n Rothaich. Seumas Mac Pheitris, Loch Bhlackett. A. Mac Fhearghais, Loch Mhic Fhearghais Iain N. Mac Gill-fhinnein, Sugar Loaf. Alasdair Mathanach, Malagawatch. Fearchar Mac Gill-fhinnein, Victoria Line. Iain Beuton, Ridge Mhabon. Iain Ceamp, Leitche’s Creek. D. A. Mac Neill, Reserve Mines. Niall V. Mac Neill, Seann Bhridgeport. Seumas Mac Aonghais, Grand Mira. Iain I. Gillios, Meadows. Gilleasbuig Mac Phail, Orangedale. Domhnull Màrtuinn, Orangedale. Coinneach Mathanach, Grand River. Bean Alasdair Mhic Neacail, Bridgeport. An t-Urr A I Domhnullach, Whitney Pier. Padruig Mac Neill, Cobh a Phiobaire. Domhnull Beuton, Cul Phort Hood. Iain Mac-Gille-mhoire, South Gut. LEIS A’ BHRUTHAICH—“Och, och!” arsa Calum Slaoightire, ’s e air leabaidh a bhàis, “tha mise falbh, agus, gu dearbh, ’s ann romham a tha ’n turus fada.” “O, na cuireadh sin sion ort,” ars a charaid; “bidh a h-uile ceum dheth leis a bhruthaich.” Nollaig Mhath do ’n Each! [Dealbh] Tha an Nollaig cho toilichte leis an each ’sa tha i leat fein, nuair a tha e air a dheagh uidheamachadh le acuinn a tha freagairt dha gu comhfhurtail. Co-dhiu tha acuinn throm no aotrom a dhith ort, paighidh e dhut a ceannach uainne. Tha gach seors’ acuinn a tha againn laidir agus buan; mar an ceudna na Sleigheachan, na Béin, na Cluig, na Bratan, agus na Cuipichean, dhe ’m bheil againn seorsachadh eireachdail. Tha na prisean againn daonnan ceart. Taghail oirnn airneo sgriobh ugainn. F. Falconer & Son, SIDNI, C. B. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 152] [Vol. 10. No. 20. p. 8] Duan Callainne. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. Fonn:—“Beinn Dorain.” URLAR. ’S i ’n nochd an oidhch’ is buadhoir A dh’ ordaicheadh; Diolaidh sinn na duain Mar is coir dhuinn. Tha bliadhn’ ag imeachd bhuainn, Bliadhn’ tigh’n oirnn a nuadh, ’G inntreachadh le cuartachadh Ordamail. ’S i ’n nochd an oidhch’ is dual duinn Bhi roiceil; An fhéisd ga cur a suas Air na bordaibh; A’ ghloin’ a’ dol mu ’n cuairt, ’S fallain an stuth fuar, Rati an Taoibh-Tuath— Mac-an-Toisich e. Cridhealas gun ghruaim Aig ar n-og-fhearaibh; Bannal thogadh fuaim Air na h-orana, Fidheal ga cur suas— Inneal-ciùil nam buadh, ’Sheinneadh na puirt luatha Bu cheolmhoire. Guidhim dhuibh ’s gach uair, Ailleas, tlachd, a’s buaidh,— Cleachdainnean nan uaislean ’Thug foghlum dhuibh. Saoghal fada, buan; Pailt ur bliochd ’s ur buar; Fortan air ur sluaigh Fhad ’s is beo iad. SIUBHAL. O, seinnibh an ealaidh Romh ’n cabhagach sraonadh; An ealaidh bheag ghrad-bhriathrach, Aigeannach, aotrom. Hùganaich, chaithreamach, Inntinneach, aithghearr, A thogadh ar n-aigne Bho ghart-ghreann an Fhaoillich. Chollainn seo, Challainn sin, Fheara mo ghaoil-sa! Buailibh am balla Le deannal nan gairdean! Sàr bhuillean sreallanta, Troma nan gallan, Bheir diosgan a’s fathrum Air darach nan taobhan, Gu neartmhor a’ slachdraich Ri clachan an aolaich. Mhuinntir tha ’s teach, Do an cleachdadh bhi caomhail, Mo dhùrachd do ’r n-aitim Air faidead ur saoghail; Aoibhneas a’s aiteas, Gun éiginn, gun airce, ’S gach ni mar is taitniche, ’S ait leam bhi saor dhuibh. Deadh bhean-an-taighe, ’S a companach flathail, Gu ma fad bhios iad maireann Gu mathas a sgaoileadh; Sonas a’s aiteas Bhi leanailt ri ’m macaibh; Am Freasdal mar neart dhaibh, Bho ghlacaibh gach baoghail. URLAR. Ma is math leibh mise leanailt Air an ealaidh seo mar thoisich, Gu ’n innis mi gu grad-bhriathrach, Cho athghoirid ’s bu choir dhomh,— ’S i ’n nochd an oidhch’ is aighirich A shoillsich reul a athar oirnn,— ’S i oidhche Choinnle, Challainn, Teachd na h-ath-bhliadhn’ as a h-oige. Mar dh’ innseas an luchd-eachdraidh dhuinn, An cleachdadh bha bho thos Aig a’ mhuinntir a chaidh seachad, Mu an Challainn a bhi roiceil; Gach righeachd anns a’ chruinne ’N d’ rinn an cinne-daonna tuineachadh, ’S sulasach gach muirichinn Ga’m furan thun nam bordaibh. Nuair theid sinn thun ar coimhearsnaich, G’ a choimhead mar bu doigh leinn, ’S a cholla’nicheas sinn aitreamhan Le slachdarnaich nan crocmhiar, ’S iad briathran fhir-an-taighe ’n sin: “A mhaca nan sonn fathasach, A b’ fhialaidh ri luchd-tathaich, Leam gur taitneach sibh ga m’fheoraich A nuas, a bhean, thoir pailteas dhuinn— Biodh Floiri bhàn ga sgapadh leat, Fear smearach miath nan ceapairean, Na ’chnapaidh air a’ bhord dhuinn; A nall am botal urramach, ’S gu ’n olamaid gu h-urranta, Deoch-slàinte nam fear furanach ’S neo-sgrubail ’s an tigh-osda. SIUBHAL. Cumar oidhche na Callainn Gu caithreamach, mùirneach, Eireachdail, fearachail,— Leanailt ri ’r dùthchas,— Fiùghantach, farasda, Fialaidh gu sgapadh, Biodh annlann gu taiceil Air ceapairean dùmhail; Riaraichear Raiti, Stuth miaghail na bracha; Biodh breisleach a dheataich An claigeann gach cùirteir; Innsidh mi sgeula— Cha bhreugan gun ghrunnd e— Deanaibh rium eisdeachd, Tha reusan ga ’ghiulan. A mhuinntir na féile, Gun cheasad, gun éiginn, A dhiolas a’ bhannag Do ’n fhear thig g’ a h-ionnsaidh, A chumas le àbhachd Oidhch’ àidh na Bliadhn’ Uire, Bidh cridhealas càirdeil, A’s fallaineachd nàdair, A’s piseach gu bràth, Air an àlach gun chunntas. Lionmhor mar rainich, An stoc air gach baile, Sliochd buan mar an darach Bhios fallain le ’rùsg; Sonas a’s mathas, Na ’n comhail ’s gach rathad; ’S biodh dùilean an athair Ag gabhail dhiubh cùnntais. AN CRUN-LUATH. Le foighidinn bhig fhathast Bheir mi naigheachd dhut bho’n chrùn-luath, Gu h-aithghearra mu ’n aitim sin A chleachd a bhi cho gnùtha, Leis ’m bu mhiann gu ’n spadadh iad An eanchainn as do chlaigeann, Na gu ’n riaraicheadh iad dad ort De ’n phailteas tha ’s na cùiltean, Ged bhiodh gob geur an acrais Am farsuinneachd do ghrùthain, ’S do mhionach beag ga ’chagnadh Le bhi d’ thrasgadh fad a dh’ ùine. A mhuinntir sin, cha ’n aithne dhuibh Na bhuineas do bhi ceanalta, Gun eireachdas gun aithne Ach an t-sabaid a’s do n-ionnsaidh. Cha chluinneadh tu dol seachad orr’ Ach toirm na cige-chaige, Brisdeadh chuigeal mu claignean Agus cnapadaich nan rùdan. ’N uair thriallas iad bho ’n bhaile Cha bhi breamas anns gach dùthaich, Nach sìn orra ga ’m far-fhuadach Thar talamh ’tha dhiubh diùmbach; Bidh driodfhortan na dunach orr’ A’ h-uile taobh a chuirear iad. An glumagan’s an rumaichean Gu ’n tumar iad gu ’n sùilean. Na logaidean ’s na bodaich Bhios ag cogadh ris a’ mhuinntìr, Gach tràchran agus glaistig A ni tatraich anns an oidhche, Bidh iorraghiullaich, a’s famhairean, A’s uamh-bheistean, ag comhartaich, Gach ùraisg agus omharlair A’s amharra ni raoiceil. Thig siod orra gu ladarna Ga ’n slaodadh as na lapaichean, Gu ’n eaglachadh gu bagarrach Le slachdraich a bhios oillteil. A nise bho ’n a dh’ aithris mi Na rannan mar a b’ eol domh; Air m’ fhallainn gur h-e ’n ceannal dhut Mo bhannag chur air doigh dhomh; Gu ’n bhuannaichd mi gu deimhin ort An tuarasdal a ghealladh leat— Gloin fhuar de stuth na mearaichinn A baraille na Toiseachd. Cha ’n eil na’s fhearr ann air son Ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire na Cuarain Tha iad againne—na seorsachan a’s grinne ’s a’s fhearr a tha ’s an duthaich. Cuarain Bhlatha do na Mnathan—75c., 90c., $1.00, 1.50. Cuarain de Leathar Mheann—$1.00, 1.25, 1.50, 3.00. Cuarain do na Fir—75c., $1.00, 1.25, 150. Na dean Mearachd. Ruig Stor Bhrog REDDEN Ross Block .....Sidni Gibhtean Nollaig..... Cha ’n fhacas riamh ann an Sidni uiread de Ghibhtean Nollaig ’sa tha aig an am so ri fhaicinn anns an stor againne: Uaireadairean, Slabhruidhean, Faineachan, Prionachan Broillich, Bucaill, Bracelets, Bruisichean, Cirean, Sgathain, Bataichean, Sgaileanan, Speuclairean, Gloineachan Sula, &c. So beagan de na nithean a tha sinn a sealltuinn, agus mu ’n ceannaich thu ’s coir dhut a dhol ’gan amharc. K. BEZANSON. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic....... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto , Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an daoine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 153] [Vol. 10. No. 21. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 3, 1902. No. 21. An Fheinn air a h-Uilinn. I. IS dòcha gu ’n cuala sinn uile, air aon dòigh no dòigh eile, mar a dh’ éirich am facal so a tha, o chionn iomadh latha, cho siùbhlach am measg an t-sluaigh. So mar chuireadh an Sgeul a nall, a h-uile ceum á Astrailia-a-chinn-a-deas, a dh’ ionnsuidh a’ “Ghaidheil” o chionn ochd bliadhna fichead: “Bha an Fhéinn aig aon àm fo gheasaibh ann an uamha àraidh nach b’ fhiosrach do neach beò. Aig beul na h-uamha bha dùdach, agus na ’n robh de mhisnich aig an neach a gheibheadh a mach iad an dùdach a shéideadh tri uairean, dh’ éireadh an Fhéinn beò, slàn. Air do shealgair àraidh dol air seacharan ann an ceò, thainig e air an uamha anns an robh an Fhéinn. Chunnaic e an dùdach, agus chuimhnich e air an t-seann ràdh, gu ’n robh an Fhéinn fo gheasaibh, agus ge b’ e neach a shéideadh an dùdach tri uairean gu ’n dùisgeadh e iad. Bha e ’g am faicinn ’n an luidhe ’s an uamha; rug e air an dùdaich, agus shéid e sgal chruaidh oirre. Is ann le mor-ioghnadh a thug e fainear gu ’n d’ fhosgail gach aon diubh an sùilean, agus iad a’ dur-amharc air anns an aodann; agus thug e fainear, mar an ceudna, gu ’n robh an sùilean mar shùilean dhaoine marbh. Thog e a mhisneach; shéid e sgal eile air an dùdaich, agus ghrad-éirich gach aon air ’uilinn. An uair a chunnaic e sin chaill e uile gu léir a mhisneach, agus theich e. Air dha a dhachaidh a ruigheachd, dh’ innis e a sgeul d’ a chàirdean, agus ghabh iad a mach còmhla. Ach cha b’ urrainn daibh amas air an uamha tuille, agus cha d’ fhuaras i gus an latha ’n diugh. Theirear bho sin: ‘Tha an Fhéinn air a h-uilinn.’”—(An Gaidheal II. 241). Cha ’n ’eil e am rùn dol thairis air Eachdraidh na Féinne an traths. Air son na bheil agam r’a ràdh air an àm, cha dean e mùthadh co-dhiù bha na Fianntan riamh ann no nach robh; co-dhiù bha Bith no Dachaidh aig Fionn no aig Oisean, aig Goll no aig Oscar, sgarta bho smuain nam Bàrd ’s nan Seanachaidh a ghléidh an Sgeul air chuimhne. Foghnaidh e dhomhsa gu ’n d’ thug na Bàird ’s na Seanachaidhean Bith is Dachaidh dhaibh an cuimhne ’s an cridhe a’ Ghaidheil,—Dachaidh is blàithe ’s is bunaitiche na tha aig na Righrean a riaghail thairis orra no aig na Sinnsearan o ’n do shloinneadh iad. Ma dh’ éisdeas sinn ris gach Sgeul is Seanachas a chaidh aithris mu ’n Fhéinn,—Litreachas aig a bheil a luach fhéin, ’s a tha gu dichiollach air a dhioghlam ’s air a rannsachadh le Sgoilearan comasach ar latha féin—cluinnidh sinn iomadh ni, cuid deth suarach gu leòir, air a chur as leth nan laoch. Bha iad ’n an dà bhuidhinn, agus easaonachd eatorra, o’n toiseach. Bha Clanna Baoisgne dìleas do Fhionn. Bha Clanna Morna a’ leantuinn Ghuill. ’S e Goll a mharbh Cumhal, athair Fhinn; agus mar so bha fiochaid aig Goll am Fionn, faodar a ràdh, mu ’n do rugadh Righ na Féinne. Am measg nam Fiann bha Conan crion, maol, a ghnàth a’ séideadh iorghuill is connspoid,—rosad nach fhuilingeadh na deamhain fhein, ma ’s fhìor an sgeul, an aon tigh riu. Aig aon àm gheibh sinn na laoich air an cur thuige cho mor ’s gu bheil iad a’ trod gu geur mu chriomadh nan cnàmh; air uairean eile theirear gu ’n robh iad a’ tighinn beò air maorach a’ chladaich. Ach cha ’n e smuaintean faoin no suarach de ’n t-seorsa so a tha fuaighte ris an Fhéinn an inntinn a’ Ghaidheil. Bheir cuimhne nam Fiann smuaintean a’ Ghaidheil air an ais gus an t-seann t-saoghal a dh’ fhalbh, an uair a bha a dhaoine cumhachdach ’s an Tìr, ’s a bha, mar tha esan a’ làn-chreidsinn, an Fhéinn, le Fionn glic, treun air an ceann, a’ seasamh a’ cheirt ’s na còrach, a’ strì an aghaidh foirneirt anns gach àm ’s anns gach àite, agus gu sonruichte ’n an cul-taic do ’n lag ’s do ’n anfhann. Chuir Oisean, no Seumas Mac Mhuirich, beachd an t-sluaigh mu ’n Fhéinn ann an cainnt eireachdail. Tha Fionn a’ teagasg Oscair, mac a’ mhic, anns na briathran so: Bi-sa mar shruth ris na sàir; Ri laigse nan lann cho ciùin Ri aiteal gaoith air raon an fheoir Mar sin bha Treunmor nan sgiath, Is Trathal, ceannard nan triath: Mar sin bha mo ghniomh ’s an t-sliabh. Bha ’m féumach riamh ri mo laimh, ’S dh’ fhas an lag dàna fo m’ chruaidh. Na h-iarr-sa carraid nan sgiath; ’S na diùlt i air sliabh nan cruach. Bha beachd an fhir a dhealbh an sgeul o’n d’ éirich am facal—“An Fhéinn air a h-uilinn”—an dlù-dhaimh do theagasg Fhinn. Cha ’n ’eil fhios again n cò e; cha d’ thainig ainm no a shloinneadh d’ ar n-ionnsuidh. Ach bu Ghaidheal g’a chùl e. Bha cliù a shluaigh dlùth d’a chridhe, agus dh’ fheuch e, ’n a dhòigh fhein, ri slighe an dleasdanais a chomharrachadh a mach d’ a luchd-dùthcha. ’Na latha-san bha cumhachd a’ Ghaidheil, ann an tomhas mòr, air dol thairis; bha cuimhne nan laoch a dh’ fhalbh a’ dol bàs am measg an t-sluaigh. Cha robh Spiorad a’ Ghaidheil uile gu léir marbh. Bha e, ann an cainnt an Sgeoil, fo gheasaibh,—’n a leth-chadal, cha robh fhios aig duine c’ àite. Ach le rannsachadh dlùth dh’ fhaoidteadh amas air, agus le cridhe is misnich ghabhadh na geasan toirt dheth ’s a làn-dhùsgadh, gu bhi ’n a chumhachd as ùr ’s an Tìr. ’S e so, tha mi meas, no ni-eigin cosmhuil ri so, teagasg an Sgeoil ’s an t-Sean-fhacail a dh’ éirich bhuaithe. Chaidh iomadh car de ’n t-Saoghal o’n chuireadh an seann Sgeul so air chois. Agus am measg gach caochladh a thainig ’s a dh’ fhalbh, tha an Gaidheal, olc air mhaith leinn e, fhuil ’s a chànain ’s a cheòl, a dhòighean ’s a chleachdaidhean, a lìon beag is beag, air call an cumhachd an Albainn. Ach tha iarmad ar Sluaigh fhathasd ’n ar Glinn, ’n ar n-Eileanan, ’n ar Bailtean mòra, ’s an iomadh Tìr chéin; agus cha ’n ’eil aon ’n ar measg nach aidich gu toileach gur e a dhleasdanas, a reir a chumhachd ’s a chothroim, a chuid de dh’ uallach a’ Ghaidheil a ghiùlan. Cha ’n ’eil àite eile air aghaidh an t-Saoghail anns am faighear cruinn còmhla uiread de Ghaidheil na h-Alba ’s a gheibhear am baile Ghlascho. Nach biodh e iomchuidh, mata, fheoraich, mar a tha cùisean ’n ar measg-na a nis, ciod e ar dleasdanas mu ’n teagasg no mu ’n leasan a tha an Seanfhacal Gaidhealach a’ toirt cho soilleir f’ ar comhair? Tha Spiorad ar sluaigh air ’uilinn,—’n a leth-dhùsgadh, coid e is còir dhuinne a ràdh no dheanamh ’s a’ chùis? An e ar gnothach ar lamhan a phasgadh, ar beòil a chumail dùinte, ’s leigeil le cùisean a bhi dol? An e ar dleasdanas a bhi sireadh sios ’s a suas air son na h-uamha? Agus ma ’s e gu ’n amais sinn oirre, co aca bu ghlice,—stri ris na seann laoich a làn-dhùsgadh no feuchainn r’ am breugadh a chadal? Na ’n abairteadh riut, an ceart uair, gu bheil an Fhéinn air a h-uilinn ann an aon de sheomraichean-taoibh an talla so, agus gu bheil, cùl an doruis, air an dara taobh, an dùdach a dhùisgeadh, le aon sgal, na seana churaidhean, agus air an taobh eile, slachdan-druidheachd a chuireadh, le aon bhuille, ’n an cadal gu bràth iad, ’s gu bheil e ad chomas dol a steach ’s an sgal a shéideadh no am buille bhualadh, cò aca a dheanadh tu? No am b’ fhearr leat suidhe gu stolda far a bheil thu, ’s leigeil leis na coimhearsnaich a bhi socrachadh cùisean na Féinne mar thogradh iad? Faodaidh e bhi nach do chuir sinn riamh a’ cheist ruinn fhéin air an dòigh so. Cuireamaid i, mata, agus feuchamaid r’a freagairt mar is fhearr a dh’ fhaodas sinn. ’S i a’ cheud smuain, a’ cheud fhreagairt, gun teagamh, an cridhe gach aoin againn a bhi deas gu leum thun an doruis, a’ strì cò bhuidhneadh an t-aite toisich; agus tha mi a’ meas nach tugadh aon againn sùil air an t-slachdan. ’S i so a’ cheud smuain. Ach nach ’eil a’ chùis ro chudthromach, agus nach ’eil i airidh air tuilleadh is aon smuain? Nach fhaod a’ bhreith luath a bhi, mar is minic a bha i, Iochdach? ’S i so aon de na ceart cheistean mu bheil daoine ro dheas gu bhi toirt freagairt gun a bheag de chnuasachadh a dheanamh mu ’n ghnothach. Agus tha na daoine d’a bheil sinne, tha mi a’ meas, na ’s deise na mòran gu bhi toirt breith luath ann an cùisean de ’n t-seorsa so. Tha a’ cheist ’s a freagairt dlùth d’ ar cridhe, agus nuair a bhios an gnothach mar so, tha an t-aon is stéidhichte inntinn ’n ar measg ro bhuailteach gu bhi air a thoirt a thaobh o smior na cùise, ro ullamh gu bhi ’g éisdeachd ri glaodh blàth a’ chridhe an àite ri guth seimh an reusain ’s na tuigse. Nach tric a chluinnear ’n ar beul “Is maith an sgàthan sùil caraid,” agus nach fhaodar a ràdh gur ann ri aodann an sgathain so is toigh leinn a bhi ’g ar sgeadachadh féin moch is anmoch? Nach ’eil cuid d’ ar luchd-teagaisg a bheireadh oirnn a chreidsinn gur sinne, da rìreadh, an sluagh; agus nuair a gheibh an Gaidheal bás, gu ’n teid gliocas is géire inntinn cho maith ri maise is deise cuirp do ’n uaigh ’n a luib? Is taitneach an sgàthan sùil, ach a bheil e fìor? ’S e sin bun a’ ghnothaich. Cha ’n ’eil an sgàthan so fìor, agus cha ’n ’eil e an comas da bhith. Cha tu fhéin idir a sheallas an sùil do charaid ach duine eile, an duine bu mhaith leat a bhi, ann am beachd do charaid; agus cha mho is e thu fhéin, am fìor-dhuine mar tha thu, a sheallas a mach a sùil do charaid, ach an duine eile a rinn bàigh do charaid dhiot. Cha ’n e sùil caraid ach sùil an t-saoghail an sgàthan fior,—sùil a’ charaid, sùil an nàmhaid, [TD 154] [Vol. 10. No. 21. p. 2] agus gu sonruichte sùil a’ choimhearsnaich, an t-sùil a chi am maith ’s d’ an léir an lochd. Seallamaid air na ceistean a tha an seann sgeul a’ togail leis an t sùil so, agus feuchamaid, a réir ar comas léirsinn, r’ am fuasgladh. Tha dà ni, tha mi a’ meas, a dh’ fheumas sinn an comhnuidh a chumail gu soilleir f’ ar comhair. ’S e an ceud ni, gur e fìor-leas an t-sluaigh gu léir, ard is iosal, a muigh ’s aig baile, ’n ar linn féin ’s gu sonruichte anns na linntean a tha romhainn,—gur e so bonn is stéidh ar rùin. ’S e an dara ni, gu ’m bi tomhas de dh’ earbsa againn gu ’n cuir an Spiorad a tha sinn a’ sireadh a dhusgadh fìor-leas an t-sluaigh, mar tha sinne ’g a thuigsinn, air aghaidh. Tha an tìm gun teagamh fàbharrach. Cha robh linn riamh ann, o’n a tha eachdraidh earbsach againn, anns nach cluinnteadh aon no aon-eigin a’ gairm air a luchd duthcha, le neart a ghuth, éirigh a sheasamh cùis is còir an t-sluaigh. Ach cha robh linn riamh ann, anns an cualas an guth so cho labhrach ’s a tha e ’n ar latha féin. Cha robh an Fhéinn riamh cho corrach air a h-uilinn ’s a tha i an diugh. Ciod e an leasachadh ann an cor a’ Ghaidheil ris a bheil ar dùil le bhi dùsgadh an Spioraid a tha ’na leth-chadal? Ma leughas sinn na paipearan Gaidhealach no leth-Ghaidhealach is motha tha buntainn ri cùisean an t-sluaigh, no ma dh’ éisdeas sinn ris na chluinneas sinn aig Coinneamhan Gaidhlig an Albainn, an Eirinn, no an America, gheibh sinn caochladh bheachdan, agus b’ iongantach mur faigheadh, aig ar luchd-teagaisg mu ’n chùis. ’S dòcha gu ’n aidich sinn uile gu bheil fiughair aig cuid ri nithean nach biodh gu fìor-leas an t-sluaigh ged gheibhteadh iad, ’s gu bheil cuid eile an geall air nithean, co-dhiu bhiodh iad gu maith no gu cron, nach fhaightear gu bràth. Cha bhiodh e duilich amas, maith a dh’ fhaoidte, air aon a nis ’s a rìs, am measg ar luchd-teagaisg a bhiodh sàsuichte le nithean air bheag feum, a ghabhadh le taing am plaosg, biadh ann no as. Agus nach saoil thu gu ’n cluinn thu an sid ’s an so aon is airde glaodh na chéile, aig nach ’eil fhios gu ro mhaith ciod tha dhìth air, ach a tha làn-riaraichte ma dh’ aithnichear a ghuth-san ’s a’ ghàir. Ach, ged bhiodh so mar so, tha nithean cudthromach an aobhar a’ Ghaidheil anns a bheil leasachadh a dhìth, agus tha ar luchd teagaisg, no co-dhiù moran diubh, a’ stri ri spiorad an t-sluaigh a dhùsgadh, le dearbh-chinnt gu ’n tig an leasachadh ’n a chois. Am measg Ghaidheal na h-Eireann, co-dhiù na codach is labharra dhiubh, ’s e cridhe an rùin gu ’m biodh an Gaidheal,—fhuil ’s a chainnt ’s a cheòl, a laghannan, a mhodh-riaghlaidh, a dhoighean, a chleachdaidhean ’s gu léir a’ faotainn an lamh-an-uachdar ’n an Tìr, ’s gu ’m biodh riaghladh Bhreatuinn ’s na Beurla air an cur air chùl gu buileach. Fàgaidh sinn aig na h-Eireannaich socrachadh an cùisean fhéin. Cha tig e dhuinne bhi toirt comhairle orra, co-dhiù gus an teid a h-iarraidh. Am bheachd fhéin, air son na ’s fhiach e, ged gheibheadh Gaidheil na h-Eireann an làn-rùn am màireach cha tugadh sin dhaibh an t-sìth ’s an soirbheachadh air a bheil iad cho mòr am feum. Ach biodh sin mar dh’ fhaodas. Cha ’n ’eil, saoilidh mi, Gaidheal Albannach a dhùraichdeadh an ceangal eadar e’s an Iompaireachd mhor d’ am buin e a bhriseadh no uiread ’s a lagachadh. ’N ar n-Eachdraidh-ne bha iomadh uair comh-stri chruaidh eadar Gaidheal is Gall an Albainn. Agus o thainig sìth bhunaiteach eadar an dà shluagh, bha agus tha gu tric aobhar-ghearain againn cho fuar ’s a tha an Gall r’a choimhearsnach, cho beag suim ’s cho beag meas ’s a tha aige air a’ Ghaidheal, air a chànain ’s air a chleachdaidhean. Ach air a shon sin cha leig sinn as ar cuimhne gu ’n do rinneadh dearg le fuil an dà shluaigh am bann a cheangail ’n ar n-aon rioghachd sinn, gu ’n do sheas Gall is Gaidheal guala ri guala iomadh làrach chruaidh an aghaidh ain-tighearnais Shasuinn, ’s gu ’n do chuir iad, ’na dhéigh sin, taobh ri taobh, iomadh blàr fuilteach an dùthchanna céin, a’ dìon còir Bhreatuinn is Saorsa a’ Chinneadh-dhaonna. D. M‘K. Domhull Ard. RI mo cheud chuimhne b’ e Domhull ainm cho cumanta ’s a bha ri chluinntinn air an taobh air an robh mi dhe ’n dùthaich. B’ ainneamh teaghlach anns nach robh Domhull. Ann an dà bhaile tuatha a bha ri taobh a chéile, bha na Domhuill cho lìonar ’s gu ’m b’ fheudar facal sònraichte a chur ri ainm gach fir dhiubh gus eadar-dhealachadh a chur eatorra. Anns an àm ud, agus eadhoin gus o chionn ùine ghoirid, b’ ainneamh a bheirteadh iomradh air sloinneadh duine sam bith air am biodh muinntir an àite glé eòlach. Ach an uair a thigeadh coigreach a ghabhail tàimh do ’n dùthaich, bhiodh ’ainm ’s a shloinneadh air an gnàthachadh, a chionn nach biodh fios aig daoine air ainm ’athar, no air ainm a sheanar. Anns an dà bhaile so bha eadar-dhealachadh air a chur eadar na Domhuill anns an dòigh so: Bha Domhull mòr is Domhull òg, Domhull bàn is Domhull donn, Domhull mac Eoghainn is Domhull mac Alasdair, agus iomadh Domhull eile air nach ’eil feum dhuinn iomradh a thabhairt aig an àm so, anns an dà bhaile. Ach bha aon fhear dhe na Domhuill so, a bha cho lìonar anns na bailtean, gu math na b’ àirde o thalamh na càch, agus, air an aobhar sin, theirteadh Domhull àrd ris. Ged a bha e àrd, agus dìreach gu leòr air a bhonnan, cha robh e ’na dhuine deas, dealbhach idir. Anns a’ cheud àite, bha e tuilleadh is fadchasach; no, mar a theirteadh anns an àm ud, bha mòran sgoilteadh dheth. A bharrachd air so, bha e car aimhleithinn anns na guaillean; agus o ’n a bha amhach glé fhada air, theireadh iomadach neach gur ann a bha e coltach ri botul Frangach ’na chumadh. Ach bha aon rud ’g a dhìth a thug mòr mhi-thoileachadh dha fhein, agus b’ e sin, nach robh ribe feusaig a’ fàs air. Bha pailteas de dh’ fhalt tana bàn air; ach nan robh feusag air, bha e air a bhith toilichte gu leòr. Bha Domhull àrd ’na chosannaiche cho math ’s a bh’ anns an dùthaich. Bha cruit bheag aige de dh’ fhearann cho math ’s a bh’ anns a’ bhaile, agus bha stoc gu leor aige air an fhearann. Bha taigh aige cho math ’s a bh’ aig fear sam bith dhe sheòrsa anns an àm ud. Cha robh aig ’athair ’s aig a mhàthair de theaghlach ach e fhein; agus an uair a dh’ eug ’athair, bha ’mhàthair air fàs car aosda, breòite. Bha Domhull àrd car diùid gu nàdarra. Agus anns an àm anns am biodh e nàdarra gu leòr do ghillean òga tuiteam ann an gaol air na h-igheannan òga, bha Domhull àrd cho fior dhiùid ’s nach leigeadh an nàire leis ach gann sealltainn ann an clàr an aodainn air té sam bith. An uair a thug na h-igheannan an aire dha so, thòisich iad ri tarruinn as. Bhiodh a h-uile té bu chuir-eadaiche na chéile a’ feuchainn ri bhith ’na chuideachd, agus a’ deanamh na b’ urrainn iad gu comhradh a thoirt as; ach bha ’n ghothach a’ fairleachdainn orra. Mur robh Domhull a’ fàs na bu diùide, cha robh e ’fàs dad na bu dàine. Nam b’ urrainn e idir, sheachnadh e na h-igheannan. Agus leis an eagal a bh’ air gu ’n tachradh té no dithis dhiubh ris ann an àite sam bith air an oidhche, cha rachadh e ach gle ainneamh am mach air dorus aon uair ’s gu ’n tuiteadh an oidhche. Cha ruigeadh Domhull a leas eagal sam bith a bhith air roimh thé seach té dhe na h-igheannan; oir bha iad uile cliùiteach, measail. Ach bu ghlé thoigh leotha a bhith ’tarruinn á Domhull air son spòrs agus cur seachad ùine dhaibh fhein. Cha robh a’ toirt air Domhull a bhith ’g an seachnadh ach an diùideachd agus an nàire. Bhiodh e ’smaointean orra gu tric, agus iomadh oidhche ’g am faicinn as a chadal. Mu dheireadh thuit e ann an gaol air té dhiubh. B’ e “Mairi bheag” a theirteadh rithe gu cumanta. Air latha àraidh suas mu dheireadh an t-samhraidh, thachair do Dhomhull a bhith ’tighinn dhachaidh le cairt mhònadh. Co thachair ris ach Mairi bheag. Chuir i fàilte air gu cridheil mar bu ghnàth leatha; agus chaidh i gu math dlùth dha ’s i ’n dùil gu ’m faigheadh i greim air an sgàthan bheag a bh’ aige ’na phòcaid. Ach an àite teicheadh roimpe mar bu ghnàth leis, is ann a rug e oirre gu teann, cruaidh, agus dh’ fheuch e ri pòg a thoirt uaipe. Ach cha leigeadh Mairi, beag ’s mar a bha i, leis pòg a thoirt uaipe am muigh no ’mach. Thug i i-fhein as a lamhan cho ealamh ’s a b’ urrainn i. Sheas i ceum no dhà uaithe, agus dh’ amhairc i air gu dlùth, agus thuirt i ris: “Cha chreid mi fhìn, a Dhomhuill, gu ’m bheil thu agad fhein an diugh.” “Is mi tha, a Mhairi; ach cha ’n ’eil thusa agad fhein. Cha ’n fhuiling thu lamh a chur ’na d’ chòir,” arsa Domhull. Cha robh fhios aig Mairi ciod a theireadh i; oir ghabh i ioghnadh gu leòr, araon a chionn gu ’n d’ rug Domhull oirre, rud nach cualas gu ’n d’ rinn e riamh air te sam bith, agus mar an ceudna, a chionn cho dana agus cho tapaidh ’s a dh’ fhàs e o ’n a thachair e rithe mu dheireadh. “Ach, a Mhairi,” arsa Domhull; tha toil agam a bhith greis a’ bruidhinn riut. Agus feumaidh tu tighinn na ’s dlùithe na sin dhomh, ar neo cha ’n abair mi aon fhacal riut.” An uair a chuala Mairi so thainig i na bu dlùithe dha. Agus thuirt Domhull rithe, agus an anail an àird a’ chléibh aige leis cho luath ’s a bha am bualadh a bh’ air a chridhe:” Tha mo mhàthair gun fhois ’g am chur a phòsadh, agus tha i ag radh rium nach ’eil té sam bith cho freagarrach orm ’s a tha thusa. An gabh thu mi? Mur gabh thu mi, tha mi ’n dòchas nach innis thu gu bràth gu ’n robh mi ’bruidhinn riut.” Cha b’ urrainn Mairi ach gann a chreidsinn gu ’n robh Domhull ’na chiall fhein, agus uime sin thuirt i ris: “Ged a phòsainnsa thu, a Dhomhuill, bhiodh an treas cuid dhiot ’na bhantraich. Tha thu fhein cho mor, agus tha mise cho beag ’s nach freagair sinn air a chéile idir. B’ fhearr dhut gu mòr teannadh ri deanamh suas ri Anna mhòr nion Eoghainn ’ic Dhomhuill na ri mo leithidsa de chreutair beag, meata.” “Is tu an aon té a’s fhearr a fhreagras orm a th’ anns an dùthaich, a Mhairi. ’S e sin a tha mo mhàthair ag ràdh co dhiubh. Chuala tu an seanfhacal: ‘Fear mor aig an te bhig, agus fear beag aig an té mhoir.’ Cha teid mise, a dh’ iarraidh Anna mòire ged nach fhaighinn bean gu bràth,” arsa Domhull. Bha Mairi greis ’na tosd, agus i ’dol fo ’smaointean feuch ciod bu chòir dhi a ràdh ris. Bha fhios aice gu ’n robh nàdar math aige. Cha ’n fhacas gruaim riamh air a ghnùis a dh’ aindeoin na dheanadh cuid de spalpairean nam bailtean de mhagadh ’s de dh’ fheachaireachd air. Bha fhios aice mar an ceudna nach biodh e furasda dhi fear sam bith eile fhaotainn a chumadh cho dòigheil [TD 155] [Vol. 10. No. 21. p. 3] agus cho socrach i. Bha a mhàthair cho ciùin agus cho modhail ris fhein. Agus ged nach bitheadh, bha fhios nach biodh i ùine fhada beò. Ach bha aon rud aice an aghaidh geallaidh pòsaidh a thoirt dha, agus b’ e sin, gu ’n robh fleasgaich òga eile nam bailtean gu tric a’ magaireachd air. Agus chuimhnich i anns an àm gu ’m b’ iomadh uair a bha i fhein a’ deanamh uiread de mhagaireachd air ’s a bha neach sam bith eile. Ged nach robh na smaointeanan so tiotadh ag éirigh suas ’na h-inntinn, bha Domhnull a’ gabhail fadachd nach robh i ’toirt an dàrna fios dha. Thuirt e: “Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, a Mhairi, ‘Is ionnan stad is aideachadh.’” “Cha ’n ionnann idir,” arsa Mairi. “Ach ma bheir thu dàil dhomh gu deireadh na seachdain, bheir mi dhut an dàrna fios.” Ghabh Mairi roimpe air an turus air an robh i ’dol, agus bha i gu dlùth a’ dol fo a smaointean a thaobh ciod bu chòir dhi a dheanamh. Bha i ’ga deanamh fhein làn chinnteach gu ’m biodh a h-athair ’s a màthair glé dheònach gu ’m pòsadh i Domhull àrd; ach bha i fhein anns an àm eadar dhà chomhairle. Ghabh Domhull àrd air aghart dhachaidh leis a’ chairt mhònadh, agus e glé shunndach. Bha e ’ga dheanamh fhein cinnteach gu leòr gu ’m pòsadh Mairi bheag e. Ged a bha sùil am mach aig Domhull a h-uile latha feuch am faiceadh e Mairi, cha robh e ’faicinn sealladh dhi. Mu dheireadh thuirt e ris fhein gu ’m b’ fhearr dha a dhol thun an taighe agus a h-iarraidh air a h-athair ’s air a màthair. Ach o ’n a b’ ainneamh leis a dhol air chéilidh do thaigh sam bith, bha faiteachas air a dhol ann. Chuir e a chomhairle ri Alasdair bàn, seana charaid coir a bha ’cumail crìche ris. Thuirt Alasdair ris mar so: “Theid mise null feasgar, agus gheibh mi am mach gu bog, balbh o Mhairi am bheil i deònach do phòsadh. Ma tha ise deònach, theid mi an urras gu ’m bi a h-athair agus a màthair deònach gu leòr. Theid mi fhìn ’s tu fhein a null air an ath sheachdain agus nithear an còrdadh; sin ri ràdh, ma bhios an nighean toileach do phòsadh. Mur bi, na cuireadh e dragh sam bith ort.” Dh’ aontaich Domhull àrd gu ’n robh so ceart gu leòr. Chaidh Alasdair a null air a’ bhàgh am feasgar ud fhein. Cha robh e fada ann an comhradh nam pàrantan an uair a thuig e gu ’n robh araon Mairi agus iad fhein toileach gu leòr gu ’n rachadh am pòsadh air aghart. An ath sheachdain rinneadh an còrdadh agus chumadh a’ chùis cho balbh ’s nach cualas iomradh air gus an deachaidh an éigheach anns an eaglais Di-dòmhnaich. Phòs iad, agus rinneadh banais mhòr, éibhinn, aighearach dhaibh. Bha iad beò le chéile gus an d’ ràinig iad aois mhòr. Bha seachdnar de theaghlach aca, agus bha iad cho modhail ’s cho glic ’s cho deanadach ri teaghlach a bh’ anns an dùthaich. Bha Domhull àrd air a mheas ’na latha agus ’na linn mar fhear-taighe cho ciùin ’s cho modhail ’s cho glic ’s cho deanadach ’s cho beag lochd do choimhearsnach ri fear a bh’ anns an dùthaich. IAIN. MARCONI AN CEAP BREATUNN—Fhuair Marconi tilleadh ann an Newfoundland ris nach robh dùil aige. Tha cuideachd laidir aig am bheil còir singilte air càball telegraph a ruith eadar an t-eilean sin agus Sasunn a cur bacail air; tha eagal orra, a reir gach coltais, gu ’n dean an t-innleachd ùr a fhuair e mach cron d’ an gnothuch féin. Tha Marconi air an aobhar sin a cur romhe a cheannuidhe a dheanamh ann an àit eile. Air an t-seachdain s’a chaidh, bha e ann an Sidni, agus chaidh e do Phort Morien ’s do Louisburg-a ghabhail seallaidh air àiteachan a bhiodh freagarrach air son nan togalaichean a bhios aige ri chur suas. Tha tri làraichean ’san amharc aige, ach cha do roghnaich e aon seach aon dhiubh fhathast. Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. IX. AN uair a thainig Abon Hasan dhachaidh bha e aireamh laithean gun dol am mach air an dorus, a chum, le fois a ghabhail, agus le beathachadh math, gu ’m faigheadh e os cionn na dh’ fhuiling e de dhroch dhiol anns an taigh-chaoich. Ach an uair a chaidh e na b’ fhearr, bha e ’ga fhaireachadh fhein gle aonaranach a h-uile feasgar. Thoisich e ri caitheamh a bheatha mar bu ghnath leis; sin ri radh, ri ulluchadh suipearach air son a’ cheud choigrich a thachradh ris aig drochaid Bhagdaid. Air a’ cheart fheasgar air an do thoisich Abon Hasan a rithist ris a chleachdadh so, thachair gu’m b’ e sin a’ cheart fheasgar a chuir an righ air leith gus e fhein a chur as aithne, agus a dhol air feadh a’ bhaile feuch am faiceadh e an robh luchd-riaghlaidh a’ bhaile a’ deanamh an dleasdnais mar bu choir dhaibh. Cha robh Abon Hasan fada ’na shuidhe aig an drochaid an uair a chunnaic e an righ a’ tighinn, agus e ann an eideadh aoin de mharsantan Mhosuil, agus seirbhiseach a’ falbh ’na dheigh. Dh’ aithnich Abon Hasan anns a’ mhionaid gu ’m b’ e a’ cheart mharsanta a bh’ anns an taigh aige mios roimhe sid, agus a dh’ fhalbh gun an dorus a dhunadh ’na dheigh, agus chaidh e air chrith an uair a chunnaic e e. “Gu’n gleidheadh Dia mi!” ars’ esan ris fhein; “mur ’eil mi meallta ’nam bharail, is e so a’ cheart dhraoidh a chuir fo gheasan mi!” An uair a thuirt e so, dh’ eirich e ’na sheasamh, agus sheall e thairis air an drochaid do ’n abhainn air eagal gu ’m faiceadh e am marsanta gus an rachadh e seachad. Bha toil aig an righ an tuilleadh ceol-spors fhaotainn air Abon Hasan, agus fhuair e fhios air a h-uile dad a thachair dha o ’n mhadainn a dhuisg e ’na thaigh fhein gus an d’ thugadh as an taigh-chaoich e. Ach bha ’n righ ’na dhuine cothromach agus fialaidh, agus ghabh e tlachd mor de Abon Hasan, gu sonraichte o ’n a bha e ’smaointean gu’m faigheadh e an tuilleadh ceol-spors air a shaillibh. Agus cha robh fhios an cumadh Abon Hasan, an deigh na thachair dha, suas an cleachdadh a bha e ’leantuinn roimhe sid: agus gus aire Abon Hasain a tharruinn air na b’ fhearr, chuir an righ e fhein ann an eideadh aoin de mharsanta Mhosuil. Thug an righ an aire gu ’n robh fearg air Abon Hasan, agus gu ’n robh toil aige a sheachnadh. Thug so air coiseachd na bu dluithe do ’n aite anns an robh Abon Hasan ’na sheasamh; agus an uair a thainig e dluth dha, chrom e ’cheann, agus dh’ amhairc e air ann an clar an aodainn. “Ho, a bhrathair Abon Hasan,” ars’ esan, “an tusa tha ’n so? Failte ’s furain ort! Thoirt dhomh cead breith air laimh ort.” “Is mi nach tabhair,” ars’ Abon Hasan gu cabhagach, agus e tionndadh ’aghaidh rathad eile. “Cha chuir mi failte idir ort; agus cha mho na sin a bheireas mi air laimh ort. Gabh romhad!” “Ciod e tha thu ’g radh!” ars’ an righ; “an e nach ’eil thu ’gam aithneachadh? Am bheil cuimhn’ agad air an fheasgar a chuir sinn seachad comhladh anns an taigh agad o chionn mhios, an uair a bha thu cho fialaidh ’s cho caoimhneil rium le biadh ’s le deoch?” “Cha ’n ’eil,” ars’ Abon Hasan; cha ’n aithne dhomh thu fhein, no ciod a tha thu ag radh; tha mi ’g iarraidh ort a rithist a bhith falbh thun do ghnothaich fhein.” Cha do chuir so stad air an righ. Bha fhios aige gle mhath gu’n do chuir Abon Hasan roimhe nach biodh gnothach sam bith aige ri coigreach an deigh dha aoidheachd a thoirt dha aon uair, ach cha do leig e air gu’n robh fhios aige air so idir. “Cha ’n urrainn mi chreidsinn nach aithne dhut mi,” ars’ an righ. “Cha ’n ’eil e comasach gu ’n leigeadh tu as do chuimhne mi ann an uine cho goirid. Gun teagamh sam bith thainig mi-fhortain ’nad rathad, agus is e sin a tha ’toirt ort grain a bhith agad ormsa. Ach air a shon sin, bu choir dhut a chuimhneachadh gu ’n do nochd mi mo thaingealachd le bhith ’guidhe gu ’n soirbhicheadh leat, agus thairg mi dhut gach ni ’nam chomas a dheanamh air do shon, rud nach bu choir dhutsa a chur ann an suarachas.” “Cha ’n ’eil fhios agamsa ciod a tha ’nad’ chomas a dheanamh dhomh,” ars’ Abon Hasan, “agus cha ’n ’eil iarraidh sam bith agam air do chuideachadh; ach tha fhios agam gle mhath nach d’ rinn do dheadh run feum a b’ fhearr dhomh na mo chur as mo chiall. Tha mi ’g radh riut aon uair eile, bi falbh as mo shealladh ann an ainm Dhe, agus na cuir draigh orm gu brath tuilleadh.” “Ah! a brathair Abon Hasan,” ars’ an righ ’s e breith air, “cha ’n ’eil ’nam bheachd dealachadh riut anns an doigh so. O ’n a tha mi cho fortanach ’s gu’n do thachair mi riut an dara uair, feumaidh tu a’ cheart aoidheachd a thoirt dhomh ’s a thug thu dhomh o chionn mhios, an uair a chuir thu mar urram orm gu ’n d’ ol sinn fion maille ri cheile.” “Chuir mi an aghaidh sin am muigh ’sa mach,” ars’ Abon Hasan, “agus tha de stamhnadh agam orm fhin na chumas mi gun bhristeadh air an fhreiteach a thug mi, nach gabhainn a steach gu brath do m’ thaigh duine cho mi shealbhach riutsa. Chuala tu an sean-fhacal, Tog leat do dhruma ’s bi falbh.’ Gabh an sean-fhacal so g’ a d’ ionnsuidh fhein. Ciod e cho tric ’s a dh’ fheumas mi iarraidh ort a bhith falbh? Gu robh Dia maille riut! Chuir thu mi-fhortan gu leor ’nam rathad-sa agus cha ’ri earb mi mi-fhin riut tuilleadh.” “Mo dheadh charaid,” ars’ an righ, agus e ’breith air a rithist, “cha robh mi ’n duil gur ann mar sin a dheanadh tu orm. Tha mi ’guidh’ ort nach bi thu ’labhairt co doirbh sin rium, ach gun creid thu gu ’m bheil meas mor agam ort. Bi cho math ’s gu ’n innis thu dhomh ciod a thachair dhut; oir tha mi ’g innseadh dhut le firinn gu ’m bu mhath leam gu math thu; agus bhithinn gle thoilichte cothrom fhaotainn air math a dheanamh dhut, ma ’s ann air mo shaillibh a thainig an trioblaid ort.” Mu dheireadh dheonaich Abon Hasan am fiosrachadh a bha ’n righ ag iarradh air a thoirt dha, agus thuirt e ris suidhe ri ’thaobh. “Tha thu air mo sharachadh ’nam fhoighidin le do cheisdean ’s le d’ as-creideamh,” ars’ esan; “agus tuigidh tu o na tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut nach ’eil mi ’cur dad as do leith ach an fhirinn.” Shuidh an righ ri ’thaobh, agus dh’ innis e dha a h-uile car mar a thachair dha o ’n a dhuisg e anns an luchairt gus an do dhuisg e rithist ’na thaigh fhein, agus gur e bruadar gle iongantach a bh’ ann gu leir. Dh’ innis e mar an ceudna dha gu’n d’ thug am bruadar so air iomadh rud a radh agus a dheanamh a thug air na cairdean gu leir a chreidsinn gu ’n robh e air a dhol buileach glan as a chiall, agus gu ’n do chuir iad do ’n taigh-chaoich e far an do theabadh am bas a chur air leis an droch dhiol a bha iad a’ deanamh air. “Ach,” ars’ esan, “is e chuireas an t-ioghnadh ort, ged is beag a tha de smaointean agad air, gur ann le do choire fhein a thachair so dhomh; oir, ma (Air a leantuinn air taobh 158). [TD 156] [Vol. 10. No. 21. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IANUARAIDH 3, 1902. BLIADHNA MHATH UR. THA MAC-TALLA, a réir cleachdaidh, agus le dùrachd a chridhe, a guidhe BLIADHNA MHATH UR d’a luchd-leughaidh agus do na Gàidheil uile anns gach cearna dhe ’n t-saoghal mhor anns am bheil a Bhliadhn’ Ur so ga ’m faotainn. Gu ’m biodh sìth agus soirbheachadh aca, gu ’m biodh an ceumannan air an stiùireadh gu glic agus gu ceart, ’s iad “a leantuinn gu dlùth ri cliù an sinnsir”: sin dùrachd MHIC-TALLA do na Gàidheil aig àm na Bliadhn’ Uire agus aig gach àm eile—“An latha chi ’s nach fhaic.” RIGH NAM BREATUINNEAN UILE. GU ruige so cha deachaidh bonn òir no airgeid a chùinneadh ann am Breatunn air an robh dealbh an righ, ged a tha dlùth air bliadhna o’n thainig e dh’ ionnsuidh a chrùin. Ach tha cùinneadh ùr gu bhi mach air a mhios so, agus air an sgriobhadh a bhios orra bidh tiodal an righ air atharrachadh a chum ’s gu ’m bi na colonies air an aideachadh mar phàirt de ’n Impireachd. B’e tiodal nan righrean a bh’ ann roimhe Brittaniarum Rex (RIGH NAM BREATUINNEAN), a’ ciallachadh Breatunn Mhor agus Eirinn. Bidh an tiodal an deigh so a’ gabhail nan colonies a stigh leis an fhacal UILE a chur rithe. Bidh Iomhar VII. mar sin air ainmeachadh mar Brittaniarum Omnium Rex (RIGH NAM BREATUINNEAN UILE). Tha an latha seachad anns an robh an Riaghladh Breatunnach a cur air adhart ghnothuichean mar gu ’m b’ i rioghachd bheag Shasuinn féin an Impireachd uile. NA STAIDEAN ’S A GHEARMAILT. MA chreidear an sgeul a tha moran dhe na paipearan-naigheachd ag aithris, tha an da dhùthaich so gu bhi an cìreannan a chéile mu Bheuesuela. Mar a dh’ ainmicheadh cheana, tha a’ Ghearmailt ag agairt fhiach air Bhenesuela, a tha Riaghladair na dùthcha bige sin a diùltadh a phàigheadh. Tha a’ Ghearmailt air son a cuid féin fhaotainn, a’ bagradh aon de phuirt na dùthcha a ghlacadh, agus còir a ghabhail air cìsean na cusbuinn gus am bi an t-ainbhfhiach pàighte. ’S ann an so a tha na Staidean a tighinn a stigh. Tha e mar chreud aig luchd-riaghlaidh na dùthcha sin o chionn iomadh bliadhna nach eil còir aig dùthaich Eòrpach feuchainn ri greim fhaotainn air fearann an cearna sam bith de dh’ America, tuath no deas. ’S e so “Creud an Rothaich” (Monroe Doctrine) air am bi sinn a cluinntinn iomraidh cho tric, agus ’s i ’chreud sin a tha gluasad nan Staidean aig an àm so gu cur an aghaidh na Gearmailt nuair a tha i deònach a cuid féin a thoirt a mach ann an Bhenesuela. Tha an da dhùthaich a’ meudachadh an cabhlaichean cogaidh mu chladaichean America mu dheas, agus a reir nan sgeul, tha iad araon deònach dol a chogadh ma ’s fheudar. Faodar a bhith cinnteach co-dhiu, gu ’m feuchair dòigh no dha eile air cùisean a réiteachadh mu ’n tig iad gu buillean. Cha ’n eil e ro choltach gu ’n rachadh aon chuid a’ Ghearmailt no na Staidean a ghairm cogaidh air sgàth aimhreit a dh’ éirich o aon de na coimh-fhlaitheachdan beaga, a tha cho lionmhor an America mu dheas, a bhi diùltadh a cuid fhiach a phàigheadh. RABHADH DHAIBHSAN NACH DO PHAIGH. THA àireamh tuilleadh us mor de luchd-gabhail MHIC-TALLA nach eil a pàigheadh. Tha iad ga ghabhail ’s ga leughadh o chionn àireamh bhliadhnaichean gun uiread us iomradh a thoirt air a phris a chur air adhart; ach a gabhail math ni a tha iadsan a tha ’deanamh an dleasdanais a’ cumail suas. Cha ’n eil e iomchuidh gu ’m biodh a’ chùis mar sin na ’s fhaide. Bheir sinn dhaibh gu deireadh a mhios so air son an cuid fhiach do ’n MHAC-TALLA a phàigheadh, agus mur cluinn sinn uapa roimh ’n àm sin bidh an ainmean air an dubhadh bhar an leabhair. Tha sinn an dòchas co-dhiu, gu bheil an àireamh a’s motha dhiubh na ’n daoine fìrinneach, onorach, nach toir cothrom dhuinn air sin a dheanamh, ach gu ’n cuir iad ugainn gun dàil pàigheadh nam bliadhnaichean a dh’ fhalbh agus na bliadhna tha tighinn. Bhiodh e ’na mhasladh do Ghàidheal sam bith ainm a bhi air a thilgeadh á àireamh luchd-gabhail a phaipeir Ghàilig a chionn nach robh e ’ga phàigheadh! Riuthasan a tha pàigheadh air son a phaipeir gu riaghailteach agus a tha na ’n neart dha an àite bhi nan uallach air mar tha càch, cha ’n eil againn ri ràdh ach so: iad a leantuinn air deanamh cho math ’sa bha iad roimhe; iad a chur na prìse a stigh aig toiseach am bliadhna; agus iad a dh’ fheuchainn ri luchd-gabhail ùr fhaotainn mar a dh’ fhaodas iad. Ma ni iad na nithean so, ni iad gu math, agus bidh iad féin ’s MAC-TALLA nan dlùth chàirdean fhad ’s is beò iad. A’ PHIOB-MHOR. NACH snasmhor na briathran a chleachd Tormad Mac Leòid urramach am beul “Fhionnlaidh Phìobaire” an àm a bhi ’moladh na pìoba-mòire? Tha sinn gle chinnteach nach ’eil Gàidheal a chòmhnuidh ann an àite fo ’n ghréin, a’s fhiach Gàidheal a ràdh ris, nach aidich gur gasda ’s gur fìrinneach a labhair e:— “Bha ’latha fhéin aig a’ phìob, agus iadsan a mhàin a bha eòlach air a nuallaich cheòlmhor ann an làithean an òige ’s urrainn a thuigsinn an cumhachd mòr a tha aice thairis air an inntinn. Chleachdadh ceòl na pìob’ ann an talla an aoibhneis ’an àm an aigheir; ’s chualas a cumha thiamhaidh ann an tighean a’ chianalais air oidhche ’bhròin. Bheothaich i laoich ghaisgeil na h-Alba gus an cath a chur le buaidh air latha ’bhlàir; agus dh’ fhàiltich i iad air an ais gu beanntan an dùthcha ’s do ghlinn an gaoil! ’S e ceòl na pìob’ a chualas leò gu togarrach ann an òg mhaduinn an làithean; agus so an ceòl mu dheireadh a dhì-chuimhnichear ann an allaban na h-aoise. Cha ’n ’eil mi ’g ràdh gur e so an ceòl a’s mìlse r’a éisdeachd ann an seòmar: cha ’n ann air son an t-seòmair a rinneadh an innleachd chiùil so; ach ann an dùthaich aineoil, fad’ o thìr ar n-eòlais, c’ àit’ am bheil an ceòl a dh’ iadhas mu chridhe nan Gaidheal mar a ni pìob nam feadan mora? Tha i ’dusgadh cuimhne nan làithean a dh’ fhalbh—a’ càradh dachaidh ar n-òige, tigh ar n-athar, cruth nan co-aoisean gaolach a dh’ fhalbh, mu choinneamh ar sùl. ’S coma c’ àit’ an tachair do na Gàidheil a bhith, cò dhiubh ’s ann air machraichean loisgeach nan Innsean, feadh choilltean fàs’ America, no air uchd a’ chuain mhòir, bheir sgal drùighteach na pìoba ’n an cuimhne Tir nam Beann ’s nam Breacan—coilltean agus aibhnichean ’us creagan àrd’ an dùthcha féin—na càirdean a tha ’smaointeachadh orra, na h-òighean àillidh a tha ’g an caoidh—’s a’ mhàthair chràbhach a tha ’guidhe air an son. Cha ruig mi leas a ràdh cho liugha latha ainmeil, agus blàr nach téid air dì-chuimhn’ anns an cualas a ceòl uaibhreach a’ brosnachadh nan Gàidheal gu gnìomharan treuna ’s gu buaidh. Am bheil blàr a bha riamh cliùiteach do Bhreatunn anns nach cualas a tartarachd àrd. Seadh, ’n uair a bha gach inneal-ciùil eil’ air a chur gu tosd ’s an àr, chunnacas am pìobaire ’n a éideadh dùthchasach ann am broilleach nan gaisgeach, gus an do chailleadh a cheòl ann an caithream àrd na buaidh’; agus is minic ’an déigh dha ’bhi air a leòn gu trom, a shuidh e air a lic fhad ’s a bha ’chridhe ’bualadh a’ cur le ’cheòl misneach ann an uchd na feadhnach a bha fhathast air mhaireann, agus a’ seinn cumha a bhàis féin an uair a thuit e!” “Tha mòran de na Cinn-fheadhna Ghàidhealach a nis suarach mu phìobaireachd agus mu chleachdaidhnean nan daoine treun’ o’n d’ thàinig iad. ’S mìlse ’n an cluasaibh mèilich chaorach mòra, agus Beurla nam buachaillean Gallda, na ’n ceòl a’s binne ’thogar le pìob no clàrsaich; ach tha fhathast feadhainn ann aig am bheil meas orra, ’s cha ’n iongantach leinn.” Tha ceòl na pìoba cho binn an cluasan a Ghàidheil anns an dùthaich so, agus ruigidh a sgal fuaimneach a chridhe a cheart cho cinnteach ’sa ruigeas i cridhe a Ghàidheil ann an Tir nam Beann. Ach saoilidh sinn nach eil e ro-chreideasach do Ghàidheil na dùthcha so nach eil iad a cumail suas na pìoba mar bu chòir dhaibh—nach eil misneach air a thoirt do dhaoin’ òga na dùthcha a ceòl ionnsachadh. Tha na pìobairean gle ghann, agus na piobairean matha na ’s ro-ghainne anns a’ chearna so de Chanada; agus ’s beag an t-ioghnadh. Aig na Cruinnichean Gàidhealach, nach eil air an cumail ach fior ainneamh, is tric a bheirear duais na ’s fhearr do ’n fhear a’s àirde leumas no ’s luaithe ruitheas na bheirear do ’n fhear is fhearr pìobaireachd. Tha spionnadh agus sùbailteachd, a tha tigh’nn air duine gun saothair, mar sin air an cur os cionn tàlant nàdurra agus ionnsachadh nam bliadhnaichean a chosg am pìobaire ’ga dheanamh féin coilionta ann an cluich “Bana-mhaighstear gach inneal ciùil,” mar is math a dh’ ainmich Donnachadh Bàn i. Tha dòchas againn nach mar sin mar sin, ach gu ’m bi misneach agus duais iomchuidh air a thoirt do gach òigear a bhios a leantuinn an cos-cheuman Chloinn ’Ic Cruimein, eadhon ged a bhiodh e fad o bhi suas riutha. ’S i phiob inneal-ciùil nan Gàidheal: “’S i bh’ aig Fionn, aig Goll, ’s aig Garadh, Ann an talla nan laoch fuileach;” agus is dligheach dhuinn an t-urram sin a thoirt dhi agus ar n-uile dhichioll a dheanamh air a cumail an cleachdadh. [TD 157] [Vol. 10. No. 21. p. 5] Naigheachdan. NA SGOILEAN A FOSGLADH—Bidh na sgoilean, a bha m’a sgaoil seachduinean na Nollaig ’s na Bliadhn’ Uire air am fosgladh Di-luain s’a tighinn, agus bidh na sgoilearan a bha re na h-ùine sin air an cead fein, a stri ri ’n cuid leasan us cùnntais a rithist. Tha na ceithir miosan a tha rompa air a chuid a’s fhearr dhe ’n bliadhna air son ionnsachaidh, agus cha ’n eil teagamh nach deanar am feum sin dhiubh. AIR CHALL AN GLACE BAY—Chaidh Uilleam Ambrose Mac-Coinnich air chall an Glace Bay air an t-siathamh latha deug dhe’n mhios a chaidh, agus gu ruighe so cha ’d fhuaireadh sgeul air beò no marbh. Chunnacas e mu dheireadh ann an stor an Glace Bay mu dheich uairean ’san oidhche, agus thatar a deanamh a mach gu ’n deachaidh a bhàthadh anns an loch a tha eadar sin us Meinn Chaledonia, far an robh a dhachaidh. FEUM AIR LAGH UR—Air an 16mh latha de Desember, dh’ eirich abhainn St. John gu airde mhor, a cur iomadh taigh agus aitreabh eile ann an cunnart. Bha sin air aobharachadh le tuiltean mòra a thainig an cois aiteamh a bha aca ann am beanntan staid Maine. Cha biodh e as an rathad do mhuinntir St. John feuchainn ri lagh a dheanamh, a bacadh do mhuinntir nan Staidean a bhi leigeil le uisge ’n cuid sneachda ruith thar criochan an dùthcha fein. BAS MRS FORBEIS—Tha sinn duilich gu bheil againn ri innse gu’n do chaochail bean an Urr. I. F. Forbeis, ministeir eaglais St. Andrew’s, ’sa bhaile so, air oidhche Di-mairt s’a chaidh. Cha robh i tinn ach beagan a chòrr air seachdain, agus bha duil ri i dhol am feobhas gus an latha mu ’n do chaochail i. Bha i leth-cheud bliadhna dh’ aois. Bu nighean i do Iain Mac Gillemhaoil, nach maireann, an Antigonish. Dh’ fhag i sianar cloinne. Riuthasan agus ri a céile urramach tha co-fhaireachdain againn, agus dochas gu ’m bi iad air an neartachadh ’s air an comhfhurtachadh an àm an fhiosrachaidh agus ’na trioblaid. LUCHD-IMRICH—Thainig dlùth air coig ceud mile sluaigh air imrich do na Staidean air a bhliadhna dh’ fhalbh, agus da fhichead us coig mile do Chanada. Chaidh mu cheithir mile dhe na rainig na Staidean, agus mu shia ceud dhe na rainig Canada a thilleadh air an ais; cha robh iad air am meas freagarrach mar luchd-àiteachaidh air an taobh so dhe ’n chuan. Cha ’n ’eil na Staidean, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, a toirt cuireadh blàth sam bith do luchd-imrich, ach tha iad a dh’ aindeoin sin a tighinn na ’n ceudan mile. Tha Canada, air an laimh eile, gle dheonach dachaidh a thoirt do àireamh mhor de ’n t-seorsa cheart, ach tha i gu ruige so a faotainn doirbh an tàladh a nall. “AN t-EILEAN” AIR CHALL-Mu mheadhon a mhios a dh’ fhalbh, bhrist an càball a tha eadar Eilein a Phrionnsa is tir-mor, agus fad thri seachdainean cha robh dòigh air fios a chur air falbh no fhaotainn ach leis na bàtaìchean a tha ruith, dòigh a tha aig an àm so fadalach agus gle mhi-chinnteach. Bha na h-Eileanaich fad na h-ùine sin ’g ’m faireachadh fein gu mor air chall ’s air leth o’n t-saoghal. Ach tha an càball anise air a chàradh agus an t-Eilean cho furasda ruigheachd leis an telegraph ri àiteachan eile. Tha Marconi ag radh nach biodh e duilich sam bith an t-innleachd ùr aige fein a chur air obair eadar an t-Eilean agus tir-mor, agus tha aon ni cinnteach, nach cuireadh sruth làidir no deigh mhor dragh air am feasda. NEW ZEALAND DILEAS—Tha fios a thainig a New Zealand ag innse gu bheil còrr us mile duine deiseil air son falbh do chogadh Africa mu dheas. Thainig an àireamh mhor so an aon latha do bhaile Wellington gus iad fein a thairgse, agus bha moran a bharrachd orra ann an cearnan eile dhe’n dùthaich do nach robh e comasach a bhi cruinn, ach a tha lan thoileach falbh cho luath ’sa chuirear fios orra. ’S i so an t-ochdamh reiseamaid a tha New Zealand a cur a chuideachadh an airm Breatunnaich ann an cìsneachadh nam Boereach, ged nach eil ach mu sheachd ceud mile sluaigh anns an dùthaich. Ged a tha mu ochd uiread sin de shluagh ann an Canada, cha ’n ’eil an dùthaich so ach a nise cur air falbh a ceathramh reiseamaid. Ach ged nach robhas ag iarraidh air son na reiseamaid ach naodh ceud duine, bha suas ri ceithir mile ga ’n tairgse féin. A CHEUD CHRUAIDH—Bha a cheud làn fùirneis de chruaidh air a leaghadh ’s air a thilgeadh aig an obair-iaruinn oidhche Di-màirt s’a chaidh. Tha sinn a tuigsinn gu robh i cho math ’sa bha duil a bhitheadh i, agus tha ceannardan na h-obrach glé riaraichte leis mar a chaidh leotha air a cheud ionnsuidh. An ùine ghoirid bithear a cur cruadhach air falbh gu margaidhean an t-saoghail, cho math ri iarunn. FLUR CANADACH DO ’N ARM—Tha an Riaghladh Breatunnach an deigh cur a dh’iarraidh mile tunna fhlùir do Chanada-air son feum an airm ann an Africa mu Dheas. Bha còrr is mile tunna air a cheannach ann an Canada roimhe so air son an aobhair cheudna. Bha mar sin còrr is da mhile tunna air a chur dh’ ionnsuidh an airm de fhlùr Chanada, no an tomhas air an eòlaiche sinn, fichead mile baraillte. LATHA NOLLAIG—Cha robh an Nollaig cho fior thoilichte ann an so ’sa bha dùil a bhitheadh i. Dh’ fhalbh an sneachda Di-màirt, agus bha an oidhche fliuch, stoirmeil. Bha latha Nollaig na bu bhriagha; bha an t-sìde tioram, ach cha robh rathad ceart carbaid no sleigh ann. Bha seirbheisean anns na h-eaglaisean Caitliceach agus Sasunnach, agus bha an latha, leis a mhor chuid, air a chur seachad gu sàmhach, socair. AN SGIORRADH ABHAISTEACH—Faisg air Bridgewater, N. S., bha ceathrar bhalach air am bàthadh le dhol troimh ’n deigh air an abhainn air an robh iad a cluich. Bha an deigh ro thana agus bhrist i fodhpa. Tha moran sgiorraidhean dhe’n t-seorsa so a tachairt gach toiseach geamhraidh, agus cha ’n eil teagamh nach biodh cuid dhiubh air an seachnadh na ’m biodh pàrantan na b’ fhurachaile air an cloinn na tha a mhor chuid dhiubh. TOMHAS MOR GUAIL—Air a bhliadhna tha nis air criochnachadh, chuireadh seachd ceud ’s leth cheud us aon mhile (751,000) tunna guail os cionn talmhainn aig Mèinn an Reserve. Thatar ag innse dhuinn gu bheil so a toirt bàrr air an obair bliadhna b’ fhearr a rinneadh riamh ann an aon mhèinn an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal. Chuireadh a mach á meinnean Cuideachd a Ghuail uile gu leir da mhillein ’s ceithir cheud mile tunna re na bliadhna, mu shia ceud mile tunna bharrachd air na chuireadh asda air a bliadhna roimhe sin. MAC-TALLA MAR GHIBHT—Cha b’ urrainn dhut gibht bu luachmhoire no a b’ fhearr a chordadh riutha a chur gu caraid no bana-charaid na bliadhna dhe ’n MHAC-TALLA. Moran dhe na gibhtean a bhithear a toirt seachad mu àm na Nollaig ’s na Bliadhn’ Uire, cha ’n fhad a mhaireas iad, agus bidh an toileachadh a bheir iad dhaibhsan a gheibh iad an ùine ghoirid seachad. Ach MAC-TALLA, bidh e ga ’n ruigheachd gach darna seachdain, ag ùrachadh do chairdeis dhaibh agus a cumail toileachaidh riutha gu ceann na bliadhna. A’ BHREAC—Tha a bhreac fhathast pailt ann an caochladh chearna de Chanada agus de na Staidean. Ann am baile St. John, tha i air dlùth air fichead a thoirt air falbh, agus cha’n eil i cuibhteas am baile. An deigh so, feumaidh muinntir a bhios a falbh no a tighinn as na Staidean a dhearbhadh le teisteannas lighiche gu ’n deach a bhreac a chur orra o chionn ghoirid. Mur urrainn dhaibh sin a dheanamh, bidh i air a cur orra air an trein no air a bhàta air am bheil iad a gabhail an turuis. Tha e gle iomchuidh gu ’m biodh gach dichioll air a chleachdadh a chum casg a chur air an euslaint chunnartaich so. TEINE AIG A PHIER—Bha da thaigh air an losgadh aig Whitney Pier tràth maduinn Di-luain s’a chaidh, aon le P. J. Carlin, agus aon le Mrs Livingstone. Thoisich an teine beagan an deigh aon uair ’sa mhaduinn, agus mu’n d’ fhuaireadh na h-innealan a thoirt a null bha an teine cho fad air adhart ’s gu’n deach na toglaichean a losgadh gu làr. B’ fhiach iad mu cheithir mile dolair, agus bha da mhil’ air fhichead de dh’ airgead-urrais orra. A bharrachd air call an taighe, chaill Mr Carlin da mhile ’s tri cheud dolair a bha aige ann an drathair ’san stor, airgead a fhuair e staigh feasgar Di-sathairne an deigh do na bancaichean dùnadh. Thatar a deanamh a mach gu’m b’e teine chur ris an stòr a rinneadh, co-dhiu chaidh an t-airgead a ghoid no a losgadh, cha’n eil dòigh a nis air fios fhaotainn. Duthaich is Baile, (Oban Times). Aig an am so do ’n bhliadhna bidh smuaintean mu na seann dachaidhean a’ ruith troimh eanchainn ioma fear is té aig an taigh is thairis, air dùthaich ’s ’am baile. Troimh na smuaintean so tha snathan co-fhaireachdain ’gan nasgadh fein mu chridheachan nam miltean a tha craobh-sgaoilte ’s na laithibh so feadh ceud cearnan cruinneachd nam Breatunnach. Tha clanna nan Gàidheal mar so air dùthaich ’s am baile; aig an tigh agus thairis: ach anns gach cearn anns am faighear iad bidh seann spiorad an duthchais ag iadhadh m’ an anman. Cha dhì-chuimhnich am fear a tha ann am mòr fharsuinneachd Chanada am bràthair a tha ann an eilean Bharra; agus bidh run-diomhair na h-òighe ud ’an eilean no air morthir a’ dol a mach mar dhealan an déigh nam muinntir ghrinn ghaolach dhana a chithear ann an Africa, ’an Australia, ’an New Zealand, agus anns na h-Innsean agus anns gach àite sear is siar, tuath is deas. Tha cridhe an athar is na màthar ’an sàs anns na dh’ fhalbh. Ach tha e mar an ceudna fior gu ’m bheil fior ghaol cridhe na dh’ fhalbh ann an coicheangal diomhair ris na freumhan duineil is beathail às an d’ fhas iad gu bhi mar tha iad uile an diugh. Mu ’n àm ’s an ruig am paipeir so lamhan nam feadhainn a tha fada as ann an tìrean cein bidh na Gàidheil aig an tigh agus air dùthaich a’ cuimhneachadh le tairiseachd ’s a’ chridhe agus le deòir anns na suilean orrasan a tha fad air falbh; agus bidh guthan diomhair an anaim a’ ruith o thir gu tir, is o bhaile gu bhaile ag asluchadh bliadhna mhath ùr do chach a chèile. Moran ann am Beagan. Cha ’n fhaic fear-turuis anns an Roinn-Eòrpa ni a’s motha dhùisgeas a smuaintean na clach chaol ghraineal a tha na seasamh taobh an rathaid, faisg air baile Wilna, air crioch an iar Ruisia. Tha sgriobhadh anns a chainnt Ruiseanaich air gach taobh dhe ’n chlaich. Air an taobh a tha ris an aird an iar tha na briathran so: “Anns a bhliadhna 1812 ghabh Napoleon Bonaparte an rathad so le 410,000 duine.” Agus air an taobh eile ris an airde ’n ear tha na facail so: “Anns a bhliadhna 1812 thill Napoleon Bonaparte an rathad so le 9,000 duine.” Tha eachdraidh an turuis-chogaidh bu mhi-fhortanaiche ’s bu sgriosaile air an deachaidh ceannard airm riamh air a h-innseadh anns a bheagan fhacal so. SEONAID NIC-LACHLAINN—Tha a’ bhan-òranaich’ ainmeil so aig an àm ann an Canada, a cumail choinneamhan-ciùil anns na bailtean anns am bheil Gàidheil a còmhnuidh. Is ban-Ghàidheal Nic-Lachlainn, tha a Gàilig fior-ghlan, agus seinnidh i na h-òrain Ghailig mar nach seinn te sam bith eil’ iad. Fhuair i a h-àrach anns an Oban, agus b’i a’ cheud bhan-òranaiche a chaidh fa chomhar sluaigh Bhreatuinn le òrain a dùthcha. Tha a guth cho binn, agus a seinn cho drùighteach ’s gu ’n do coisinn i dhi féin an t-ainm “Banrigh nan Oran Albannach.” Anns a bhliadhna 1892 chaidh a cuireadh do Chaisteil Bhalmoral, far ’n do sheinn i òrain Ghailig agus Beurla Albannach fa chomhar Banrigh Victoria. Tha sinn an dochas gu’n toir Gàidheil nan Roinnean Iochdrach cuireadh dhi tighinn na ’m measg air a gheamhradh so. Ma bheir, tha sinn làn chinnteach nach gabh iad aithreachas. Ge beag an t-ubh thig ian as. Ge fad’ an duan, ruigear a cheann. Ga dubh a cheann, ’s geal a chridhe. Ge math an gille càm, cha fhritheil e thall ’s a bhos. Gheibh burraidh barrachd coire na ’s urrainn duine glic a leasachadh. [TD 158] [Vol. 21. No. 10. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 155). tha chuimhne agad air, dh’ iarr mi ort an dorus a dhunadh an uair a dh’ fhalbhadh tu, agus cha d’ rinn thu mar a dh’ iarr mi ort. An uair a fhuair an droch spiorad an dorus fosgailte, thainig e steach, agus chuir e an aisling ud ’nam cheann, agus ged a bha i gle thaitneach aig an am, thug i mi-fhortan mor ’nam rathaid an uair a dhuisg mi. Air an aobhar sin, is tusa, a chionn nach do dhuin thu an dorus, bu choireach gu ’n d’ rinn mise gniomh cho olc ri mo mhathair a bhualadh. Dh’ fhaodainn a bhith air a marbhadh (tha naire orm an uair a smaoinicheas mi air) gun aobhar sam bith aon a chionn gu ’n robh i ’g radh gu ’m bu mhi a mac, agus a chionn nach aidicheadh i gu ’m bu mhi Ceannard nan Creidmheach, mar a bha mi fhin a creidsinn agus a’ cumail am mach ris na h-uile. Is tu bu choireach ris na rinn mi de dh’ olc air na coimhearsnaich an uair a thainig iad a steach ’nan ruith gus mo mhathair a thoirt as mo lamhan. Cha tachradh dad dhe sid ’nan robh thusa air an dorus a dhunadh an am dhut falbh mar a dh’ iarr mis’ ort. Cha tigeadh iad a steach do m’ thaigh gun mo chead: agus, rud a tha cur moran a bharrachd dragh’ orm, cha bhiodh fhios aca air m’ amaideas. Cha bhiodh aobhar again air am bualadh gus mi fhin a theanacsa uapa; agus cha chuireadh iad ceangailte do ’n taigh-chaoich mi far an robh mi faotainn fichead buille le slait a h-uile latha.” Dh’ innis Abon Hasan an naigheachd so do ’n righ le dealas is durachd mhor. Bha fhios aig an righ air a h-uile dad a thachair na b’ fhearr na bh’ aig Abon Hasan fhein, agus bha e anabarrach toilichte gu ’n deachaidh a’ chulaidh-spors a bha e ’deanamh cho math leis. Agus cha b’ urrainn e gun ghlag mor gaire a dheanamh an uair a chual’ e an doigh shaor, neochiontach anns an d’innis Abon Hasan dha mar a thachair. Bha Abon Hasan an duil gu’m bu choir truas a bhith aig na h-uile ris an uair a chluinneadh iad mar a dh’ eirich dha, agus air an aobhar sin, bha fearg air ris an righ a chionn e dheanamh gaire. “An e gu ’m bheil thu ’magadh orm, agus a’ deanamh gaire ’nam aodann, no a bheil thu ’creidsinn gu ’m bheil mise ’magadh ort fhein an uair a tha mi ’g innseadh na firinn dhut? Ma tha thu ’g iarraidh dearbhaidh gur e ’n fhirinn a tha mi ’g innseadh dhut, seall ann an so, agus chi thu gu ’m bheil mi ’g innseadh na firinn dhut.” An uair a thuirt e so, chrom e, agus leig e ris a ghuaillean far an robh larach nam buillean a fhuair e leis an t-slait anns an taigh-chaoich. Cha b’ urrainn an righ gun uamhas a ghabhail an uair a chunnaic e na h-athailtean a bh’ air guaillean Abon Hasain. Bha truas aige ris, agus bha doilghios air a chionn gu’n deachaidh e cho fad sid air aghart leis a’ chulaidh-spors. “So, so, eirich, a bhrathair,” ars’ esan, agus e breith air Abon Hasan gu cridheil ’na ghairdeanan; “biomaid a’ falbh do ’n taigh agad fhein, agus biomaid gu cridheil, sunndach maille ri cheile a’ nochd; agus am maireach, ma ’s a toil Dhe e, bidh a h-uile gnothach ceart.” A dh’ aindeoin nam mionnan a thug Abon Hasan nach leigeadh e aon choigreach an dara uair d’a thaigh, cha b’ urrainn e cur an aghaidh an righ, ged a bha e ’n duil fad na h-uine gur e marsanta de mhuinntir Mhosuil a bh’ ann. “Aontaichidh mi leat,” ars’ esan, “ma bheir thu do mhionnan gu ’n duin thu ’n dorus ’nad dheigh a chum nach fhaigh Satan a steach gus mo cheann a chur troimh a cheile mar a rinn e roimhe.” Gheall an righ gu’n deanadh e so; agus an sin dh’ fhalbh iad le cheile do’n taigh aig Abon Hasan, agus seirbhisich an righ a’ falbh ’nan deigh. Gus toirt air Abon Hasan an tuilleadh earbsa a chur ann, thuirt an righ ris: “Cuir d’ earbsa annamsa. Tha mi ’gealltainn dhut air m’ onair gu ’n cum mi ri m’ fhacal. ’Na dheigh so, cha ruig thu leas teagamh a chur ann an duine mar a tha mise, aig am bheil toil sonas is soirbheachadh a thoirt dhut, agus chi thu sin fhathast.” “Cha ’n ’eil mi ’g iarraidh dad dhe ’leithid ort,” ars’ Abon Hasan, agus e cur stad air an righ. “Tha mi ’g aontachadh gu’n dean mi mar a tha thu ’g iarraidh orm; ach cha ’n ’eil iarraidh sam bith agam air cuideachadh fhaotainn uat, agus tha mi guidhe ort, ann an ainm Dhe gun an corr a radh m’ a dheidhinn. Dh’ eirich a h-uile mi-fhortan a thainig ’nam rathad, araon o na deadh ruintean a bh’ agad do m’ thaobh, agus o ’n dearmad a rinn thu air an dorus a dhunadh. Rinn an righ gaire, agus thuirt e: “Ma ’s ann mar sin a tha, biodh e mar sin fhein; tha mi gealltainn dhut nach dean mi dad air do shon.” “Is math leam gu ’n d’ innis thu sin,” ars’ Abon Hasan; “cha ’n ’eil mi ’g iarraidh dad ort. Bidh mi gle thoilichte ma chumas tu ri d’ fhacal, agus bheir mi mathanas dhut air son a h-uile rud a rinn thu orm.” (Ri leantuinn). Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha rùn orm air an oidhche nochd beagan a sgriobhadh anns a chànain so, ged a tha mi làn-chinnteach nach ’eil e mar fhiachaibh orm sin a dheanamh air an àm so, agus ma dh’ fhaoidte gu bheil e gle mhi-mhodhail dhomh a bhi sgriobhadh an dràsd. Carson, mata? Gabhaidh am fear-deasachaidh mo leisgeul nuair a dh’ innseas mi dha nach tug e àite do ’n litir mu dheireadh a sgriobh mi ’ga ionnsaidh ann an September s’a chaidh. Chosg mi roinn mhor de ’n ùine bu chor domh a bhith na m’ chadal ga sgriobhadh agus ga cur an ordugh. Tha mi làn dhearbhte gu ’n do rainig i an oifis, agus mur bithinn mar sin cha ghabhainn cho dona nach robh suim air a thoirt di. Ach mar thubhairt am fear eile—“Feuchaidh sinn a rithist e, agus mar faigh i àite cha ’n urrainn mise an corr a dheanamh ach sgur.” Ach tha mi an dochas gu ’n tig mo litir am mach fhathast ’sa MHAC-TALLA, ged tha i cho fada am measg nam paipearan a tha air son an losgadh. Tha mi faicinn gu bheil am paipear a nis air a chur am mach uair ’san da sheachdain, agus leis a sin ’s gann gun tig mo litir-sa am follais ann air a bhliadhna so, oir tha i tighinn gu crich gu math luath. Cha ’n ’eil moran de naigheachdan agam air an àm so, ach an seorsa tha agam bheir mi seachad iad gu toileach. Cha ’n ’eil mi math air son a bhi toirt seachad phort, mar tha Mac Uisdean coir, oir cha do ghabh mi suim mhor sam bith dhiubh riamh. Ged bhios mi air uairibh a feuchainn a bhi seinn do ghrunnan beag de Ghaidheil air Di-domhnaich ’s an eaglais, agus ged is gle thoigh leotha puirt a chluinntinn, cha bu mhath leotha an cluinntinn ’san eaglais air là na Sàbaid no air latha sam bith eile. Ach tha àm is àite aig gach ni. Dh’ fhalbh am foghar ’s an samhradh, agus tha nis againn stoirmeannan a gheamhraidh. Thainig an sneachda gle thràth am bliadhna. Bha deagh rathad sleighe againn fad thri seachdainean air ais, ach air an latha ’n diugh dh’ fhalbh e cha mhor gu buileach. Tha biadh spréidh gle ghann air a bhliadhna so, oir bha am bàrr gle ghoirid air an fhoghar so. Tha na prisean gle àrd air gràn do gach seorsa. Tha coirce 45c. am buiseal, peasair 80c., eorna 50c., cruithneachd 70c., feur $10.00 an tunna, agus mar sin sios. Tha crodh a creic gu math saor aig rupaichean—$15.00 gu $20.00 an ceann. Tha cruinneachadh mor gu bhi aig Comunn nan Gaidheal anns a bhaile so da sheachdain o’n nochd, agus tha fios gu ’m bi comhdhail cridheil aca air an oidhche sin. Tha bliadhna eile gu tighinn gu crìch. Agus is iomadh duine bha beò, slàn, fallain air latha na bliadhn’ ùire s’a chaidh ’tha air a bhliadhn’ ùir so nan sìneadh a cnàmh san duslaich. “Tha smùdan fhein os ceann gach fòid,” ’s mar sin tha ionndrainn fein aig gach neach, oir cha mhor tha beò nach ’eil trioblaid air choireigin aca, le tinneas no le bàs. ’S mor do luchd ar n-eòlais a chaidh ’thoirt air falbh leis a bhàs fo cheann sia miosan, sean agus òg. Agus mar thuirt fear na laoidh— “Tha sean is og a dol sios do ’n uaigh, Air lag ’s air laidir tha ’m bàs ’toirt buaidh.” Tha bochd is beartach air an leagadh sios taobh ri taobh, agus ’s e an aon seorsa duslaich tha ’g an comhdach. Nuair a theid sinn a choimhead air “baile nam marbh” againn ’sa bhaile bheag so, ’s iomadh leac ùr tha ri faicinn a chaidh a chur an sin air an t samhradh so. Dh’ eug Uilleam Domhnullach (Uilleam beag) o chionn da sheachdain. Rugadh e ann an Uidhist o chionn ceithir fichead bliadhna agus a tri. Tha deich bliadhna fichead o’n thainig e do ’n bhaile bheag so. Dh’ eug a nighean air an t-samhradh s’a chaidh. Tha obair mhor cement a dol air aghart ann am baile Durham, deich mìle an iar air so. Cha ’n ’eil a leithid ann an Canada gu léir. Cosgaidh an obair mu mhillein dolair mu ’n teid a criochnachadh. Tha e toirt moran obrach do dhaoine air a bhliadhna so. Tha mi duilich a chluinntinn nach robh am fear-deasachaidh gu math fad ùine. Ach tha sinn an dòchas gu ’m bi e gu slàn, fallain na dheigh so, agus gu ’m bi e gu sunndach air son MAC-TALLA a chur am mach aig an àm shuidhichte. Tha mi nis a dol a sgur. A guidhe do ’n MHAC-TALLA agus da leughadairean uile Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ur. Is mi ’ur caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Desember 13, 1901. Geamhradh reòdhtanach, Earrach ceòthanach, samhradh breac-riabhach, ’us Foghar geal grianach, cha d’ fhàg gorta riamh ’an Alba. Ged a bhiodh bean an taighe lachdunn,—na ’m biodh i maiseach mu ’n bhiadh! Glòir mhor ’an colainn bhig Greim fad’ an tàilleir leisg. Airneis Taighe MAR Ghibhtean Nollaig Gheibh thu anns an stor againne na riaraicheas tu. Tha stoc mor againn air ur cheannach dhe gach seors’ airneis, moran dhiubh a bhios gle fhreagarrach mar ghibhtean. Gheibh thu luach mor air pris bhig. Gordon & Keith, Sidni, C. B. A. T. GRANT, Mgr. [TD 159] [Vol. 10. No. 21. p. 7] Bithidh gach Ni mar is Aill le Dia A RIS an uair bha ar n-Aithrichean a’ deanamh aoraidh do Dhia fo shamhladh na greine, bha iad a’ meas gu ’m bu choir, an toiseach gach ni, cursa na greine a leantainn, agus thainig a’ chleachduin agus a chainnt a nuas g’ ar latha fein: “Deiseal air gach ni;” “Car tuathal t-aimhleas.” Tha Sean-fhocail de ’n aon teagasg lionmhor: “Cha ’n ’eil neach gun dà latha;” “Cha ’n ’eil tuil air nach tig traoghadh;” “Cha ’n ’eil carraig air nach caochal sruth;” “Is tric a bha craiceann an uain air a’ chleith cho luath ri craiceann na caorach.” Cha ’n iarradh am fear a bu déine air taobh saorsa na toile focail a bu fhreagarraiche na iad so a chum a bheachdan a chur an ceill. Ciod, ma ta, a their sinn mu na nithean so? A’ bheil teagasg ar Sean-fhocail air a phuinc so, mar bha bata fiar Dhughaill Buchannain, “an aghaidh a cheile? ’S i mo bharail gu bheil. Mu ’n cuairt air a cheist tha dorchadas tiugh. Bheachdaich ar n-Aithrichean air a’ chuis gu geur. Bha iad tric ’s a chrann; ach bha ’n ceò domhail, agus ciod an t-ioghnadh ged theireadh fear gur feannag ’s fear eile gur e fearann a bha ’s an t-sealladh. Saoilidh mi gu ’n aidicheadh a’ chuid a bu ghlice dhiubh gu ’n robh iad an so aghaidh ri aghaidh ri diomhaireachd mhoir—nach robh iad a’ faicinn ach “gu dorcha tro ghloine:” ach gu ’m feitheadh iad gu foighidneach ris an àm anns an aithnicheadh iad mar bha aithne orra, a creidsinn, gu h-iriosal ach gu durachdach, an traths’, gu ’m “bi gach ni mar is aill le Dia.” THA DIA FIOR, CEART, MAITH.—Tha dha-dheug d’ ar Sean-fhocail anns an d’ fhuair mi ainm an Uile-chumhachdaich. ’S ann le urram ’s le soluimteachd chubhaidh a gheibhear an t-Ainm naomh air a luaidh. Agus ’se maitheas, firinn, ceartas a gheibhear co cheangailte ris an Ainm. “An ni a gheall Dia, cha mheall duine;” “Thig Dia ri airc ’s cha ’n aire an uair a thig;” “Is gearr gach reachd ach riaghailt Dhe”—agus mar sin sios. An uair a pheacaich Daibhidh ’s a bha e ’n teinn mhoir, roghnaich e tuiteam an lamhan Dhe seach an lamhan Dhaoine. Nach maiseach a tha co-ionann peacach agus co-ionann earbsa ’s an da Shean-fhocal Ghaidhealach: “Tuislichidh an t-each ceithir-chasach;” “Cha dubhairt Dia na thubhairt thu.” Tha mi ’smuaineachadh gu ’n aidich an Leughadair gur airidh ar Seanfhocail air aire ’s air meas nach ’eil iad a’ faotainn ’n ar latha-ne. Gheibhear fiosrachadh earbsach annta mu bheachdan ar Sluaigh ’s an àm a dh’ fhalbh. Gheibhear teagasg annta d’ an d’ thug daoine treuna umhlachd. Toillidh an earailean, am beachdan, ’s am firinnean urram uainne airson an aois, am maise, ’s an gliocais. Bha suil ar n-Aithrichean, ma dh’fhaodte, ro thric ’n an deigh. Is còir dhuinne sealltainn air ar n-aghaidh ar dleasdanas. Gheibh sinn ar barantas ’s an t-Sean-fhocail “Leintean farsuing do na leanabaibh òga.”—Highland News. Duanag Do Sheonaid Nic-Lachainn, le Domhnall Mac-Gillemhaoil am Priceville, ogha do Dhomhnall Cubair a bha ’n Tiriodh. LUINNEAG. Ho ro, gur h-e an solas, Ho ri, gur h-e an solas Bhith ’g éisdeachd ris an og mhnaoi A’s boidhche guth cinn. Bu sholasach an raoir sinn, ’S Nic-Lachainn ghasd’ a seinn duinn, Mar smeorach am bàrr craoibhe, Gu h-aoibhneach, deas binn. Gun dug i dhuinn na h-orain A chuala sinn na ’r n-oige ’Sa chainnt a bh’ aig na seoid A bha comhnuidh ’s na glinn. Bu shiubhlach blasd’ a Ghaidhlig A tigh’nn bho ’bilibh àlainn; ’S ged chumadh i gu là sinn, Cha ’n fhàsamaid sgith. Am fear sin a bha comhl’ rith’, Buchanan modhail, foghluimt’, Bu mhath e ri uchd orgain; Bha ceol ann gu ’chridh’. Bha cridhe gach fior Ghaidheil Ga ’thàladh leis a mhàldaig A thainig oirnn thar sàile Le dàin na mor bhrigh’. Ach ’s duilich leam ri ràitinn Gun robh na Goill ri cànran, ’S a di-moladh na cànain A’s fearr tha san tir. ’S e ’n t-aineolas ’s an t-àrdan A chuir iad mar a bha iad: Co choimeasadh an dàin-san Bi bàrdachd mhic Fhinn? Bha deagh Mhac-Artair comhl’ ruinn, ’S bu mhaiseach e ’sa chomhlann; ’S fear tuigseach, measail, coir e, ’S gun fhoghluin ga ’dhith. Gun robh Mac-Fhionghain uasal Gu dileas ri ar gualainn; ’S bu bhinne leis na chual’ e Na duan o bhrugh sith’. Bha ’m Moireach cuimir, dàicheil, ’Toirt ghreisean, mar a b’ àill leinn, Air ceol nan gaisgeach sàr mhath, Ceol àghmhor na Piob’. Bha othail mhor gu leoir oirnn Nuair chruinnich sinn san t-seombar, ’S a choinnich sinn an og bhean ’Bu bhoidheach glan lith. Is ann bha ’n crathadh làmh ann Nuair bhruidhinn sinn sa Ghaidhlig: Bu chridheil i, ’s bu chàrdeil, ’S b’e h-àbhaist a bhith. Mo ghuidhe dh’ i buan shlàinte, ’S a guth a bhith mar bha e, ’Thoirt urram do na Ghaidhlig ’S gach àit ’s am bi i. Fhuair mis’ an t-oran so bho ’n fhear a rinn e. Thuirt e rium an rud a thograinn a dheanamh ris—a chur gu MAC-TALLA neo chur san teine. Air eagal agus gum faigh na Goill ann an Durham am mach brigh an t-seachdaimh ceathramh, is coir dhomh aideachadh nach robh an ceathramh sin anns an oran mar a thàinig e gu m’ laimh-sa. Cha ’n fheil mi ag iarraidh gum biodh uaislean a bhaile mhoir ann an diomb ri Domhnall. GLEANN-A-BHAIRD. “Tha curam mor orm mu Sheoras,” ars an seann duine ’s e labhairt ri ’charaid mu ’mhac féin, a bha car aotrom. “Tha eagal orm gu bheil e dol air seacharan. Tha e air fàs gle mhi-rianail na dhoigheannan, agas cha dean na their mise ris drùghadh sam bith air. Cha ghabh e ach comhairle nan amadan. B’ fhearr leam gu ’m bruidhneadh tu fhein ris.” Posadh. Ann an Ashville, C. B., air a 24mh latha de Desember, 1901, leis an Urr. Alasdair Ros, Donnachadh M. Mac Fhearghais agus Mairearad Nic Gilleain, le cheile mhuinntir Ashville. Nollaig Mhath do ’n Each! [Dealbh] Tha an Nollaig cho toilichte leis an each ’sa tha i leat fein, nuair a tha e air a dheagh uidheamachadh le acuinn a tha freagairt dha gu comhfhurtail. Co-dhiu tha acuinn throm no aotrom a dhith ort, paighidh e dhut a ceannach uainne. Tha gach seors’ acuinn a tha againn laidir agus buain; mar an ceudna na Sleigheachan, na Béin, na Cluig, na Bratan, agus na Cuipichean, dhe ’m bheil againn seorsachadh eireachdail. Tha na prisean againn daonnan ceart. Taghail oirnn airneo sgriobh ugainn. F. Falconer & Son, SIDNI, C. B. Cape Breton Electric Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. Tim-Chlar. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aig Victoria Pier air tursan 10 a. m. agus 5 p. m.Tha iad air na h-uile turus a taghal aig an International Pier. TURSAN FEASGAR. [Clàr-ama] Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 160] [Vol. 10. No. 21. p. 8] Oran air Cuairt na Bliadhna. LE MAOL-CALUM MAC GILLEMHAOIL. An àm dhomh eirigh madainn Mhàigh, ’S a ghrian air aird ag oradh, Na gnuis tha bàigh, ’s tha buaidh na blàths, Toirt cliu do ’n ràithe thoisich. Bheir samhradh fàs, ’s bheir foghar làn, A dh’ fheitheamh trath na reodhtachd A ghlaiseas sàs gach ni san làr, A’s éideadh bàn ga chomhdadh. Thig geamhradh buaireasach mu ’n cuairt, Theid Phoebus ruaig air falbh bhuainn; ’S gum beuc am fuachd o’n àird a tuath, ’S bidh ’n iarmailt gruaim is coig oirr’ Sgiursadh nuas a ghailbhinn fhuar, Le caithream luath ’s le stoirmibh, ’S bidh choill’ ri fuaim, le gaillion chruaidh, Mar neach le buaidh ga ’sgealbadh. Thig tùs an earraich, faoilleach ’s gearran, ’S tuath fo ainnis cràiteach; Bidh spréidh ga ’n crannadh, fuachd ga ’m feannadh, Gruaim a’s greannag bàis orr’. Bidh cuairt-ghaoth tional nuas na dheannabh Fuar-shneachd bharr gach bràighe Na dhuin ’s na mheallaibh ris gach callaid, Mar na beannaibh àrda. Nach ciatach, taitneach gniomh na feart, A teachd ’s gach deireadh Màirt oirnn, A choill gun aire gun taom a mach Ma bheirear ealp na h-earlinn: Mar uisge glas ga chuir ’sa phras, Is teine bras ga thràigheadh, A chinneas pailt, cho milis blas Ri mil nam beachaibh gàraidh. B’e ’n t-éibhneas leam bhi ’g éisdeachd fuinn Gach ian, le chiùin-ghuth àluinn, Air gheugaibh cruinn ’toirt sgeula dhuinn Gun thionndaidh cùrsa bhlàths ruinn. Gun theann a ghrian a nall ri triall Gu h-iochdmhor, tiorail, gràsmhor, ’Us theid am fuachd air fuadach cian, A mheabh gach feur ’us fàsach. Am mios a cheitean bidh an spréidh A tighinn air ghleus gu comhrag, An deigh gach annradh fad a gheamhradh Ann an gainntir comhla; Gach fuachd ’us eire neamhail, reubach ’Bhios bho ’n speur a dortadh, A bhi ga staladh ris gach caithream ’Thig bho ’n ghaillion reodhta. Bidh ’n t-àl og gu cùirteil, boidheach, Uallach, ordail, greannar, ’Gabhail spors air reidhlean feoir, Ri leumraich bheo ’s ri deann ruith; ’S iad sud am por a’s taitneach doigh, Gun ghniomh, gun leon, gun champar, Gun ghainn’ air lon, ’s e pailt gu leor, ’Cur sult ’us treoir fo mantail. ’S na trathaibh ceart thig drobh nam mart An ordugh steach do ’n bhuaile, Le ’n ùthaibh làn le sùgh an làir, Tha toirt daibh càil is gluasaid: Gu tarbhach, biadhchar, beartach, fiachail, Pailt ri dhiol ’s gach uair e, Gu h-ìmeach, blàthach, gruthach, càiseach, ’S feartan àigh dha ’n t-sluagh e. A shamhraidh ghrianach ’s taitneach fiamh, Gu bliochdar, biadhchar, soghail, Gach raon ’us sliabh gun teid fo rian, Le obair gniomhach, ordail; Bidh am por gu fial ga chur gu dian, ’S ga thilgeadh sios á crogaibh, A’s eich le riasgladh inneal fiaclach Gus an siol a chomhdach. Thig Og-mhios aghmhor, driuchdach, tlà, Le frasan blatha, ciùine, ’Toirt neart is fàs do phor an làir Gu teach a n-àird bho ’n dùslainn: Bidh barr bhuntàt’ gu bileach, spàgach, Luirgneach, cràsgach, dùbh-ghorm, ’S bidh clann le àdh, ’s falfuinn nan laimh, A toirt a n-àird na h-ùir ris. Nach boidheach, maiseach barr gach achaidh, Le dhluth bhrat ga chomhdach, A cinntinn bras fo iomlan dreach, Gu glùmach, altach, domhail, Gu ròmach, riasgach, trom le siol, ’S a h-uile dias fo-lod deth, A lùbadh sios, le boradh fial, A dh’ ordaich Dia gu ’r comhnadh. Mo riar, gu ’n tig an àm na meas ’Bhi siubhal lios ’us ghàradh, ’S a gabhail ioghnadh as gach cuis Tha ann an cùrsa nàdair, Na bagailt plumbais, ’s gagain ùbhlan ’Bhios an dluths na chràc-mheur, Milis, sùghar, fallain, cùbhraidh, Agus driùs ri blàths diubh. Am mios nam buadh, gun teann an tuath A mach gu luath nan drobhaibh, Gu h-éibhinn, uallach, éutrom, guamach, Fallain, fuasgailt’, ceolmhor, A seinn nan duan a’s binne fuaim Nuair ghoireas cuannal comhladh; Bidh surd air buan ’s air gearradh sguab ’S ga ’n tional suas nan croithean. Cho luath ’s a chaoinicheas am bàrr Gun tairnnear e na lodaibh Air feunaibh carnach, piceach, spagach, Le eich laidir, dhomhail; Gun cinn gach pairc nan achadh fas, Gun ni ach gearr bhun connlaich, ’S bidh saibhlean lan, bho bhon gu barr, ’S theid tuath gu tamh le solas. ’S bidh ar n-urnuigh ghnath gach oidhch’ us làth’ Toirt cliu do ’n Ard-righ ’dh’ ordaich Na feartaibh graidh tha beachd troi ’n lar, ’Chur neart ’us slaint’ na ’r poraibh; Thoir dhuinn gach brath, cho fad ’s tha ’n dail, Bhi ag iarraidh gras ’us trocair, Bho ’n ’s tusa an Ti tha uile lan Do ’n leir ar cas an comhnuidh. Oran do ’n Chogadh Ruiseanach. Tha mi a cur d’ ur n ionnsuidh rann no dha de dh’ òran a rinneadh do ’n chogadh Ruiseanach le Seumas Mac Isaic, a dh’ eug o chionn àireamh bhliadhnachan air taobh a deas amhainn Mhira. Rugadh Mac Isaic ann an Uidhist mu thuath. Tha mi gle chinnteach gu bheil an t òran aig leughadair air choireigin dhe ’n MHAC-TALLA. ’S math a b’ fhiach e a chumail air chuimhne. Rinn Mac Isaic òran no dha eile nach robh dad air deireadh air an oran so. Tha mi an dòchas gu ’m faic mi an t-òran uile ’s a MHAC-TALLA an ùine gun a bhith fada. So agaibh, ma ta, na roinn mar a chuala mise iad:— “An Reiseamaid Dhubh chiatach, Bha riamh oirre cliù, Chuala mi gu ’n d’ thriall sibh Di-ciaduin a null: Ma ruigeas sibh thall Cha bhi maill’ anns a chùis, Fàgaidh sibh an nàmhaid ’S an àraich gu ’n lùths. Scots Greys, nan each aotrom Bu shunndaiche ceum, ’S fhada chaidh ur n-ainm— Bha na h-Albannaich treun! Le ur claidhnean matha faobhair, ’S eich aotrom nan leum, ’Nuair thairnneadh sibh an lann ’S iomadh ceann bhiodh gun fheum. Tha Tearlach ’na nàdar Gu h-àrdanach, borb, Dileas do ’n Bhànrigh, An dràsda gu falbh, A feitheamh ri seoladh A null leis an arm; ’Nuair ruigeas e tir Gu ’m bi an t-Iompaire marbh. ’S bochd leam ur càradh An dràsda ri fuachd, Ri aodann na nàmhaid, Gun bhàigh na gun truas, Feuch am faigh iad fàth Air an campadh mu ’n cuairt, ’S ’nuair a thig am blàths Gu ’m faigh iadsan an duais.” D. Cha ’n eil na ’s fhearr ann air son Ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire na Cuarain Tha iad againne—na seorsachan a’s grinne ’s a’s fhearr a tha ’s an duthaich. Cuarain Bhlatha do na Mnathan—75c., 90c., $1.00, 1.50. Cuarain de Leathar Mheann—$1.00, 1.25, 1.50, 3.00. Cuarain do na Fir—75c., $1.00, 1.25, 150. Na dean Mearachd. Ruig Stor Bhrog REDDEN Ross Block Sidni Gibhtean Nollaig..... Cha ’n fhacas riamh ann an Sidni uiread de Ghibhtean Nollaig ’sa tha aig an am so ri fhaicinn anns an stor againne: Uaireadairean, Slabhruidhean, Faineachan, Prionachan Broillich, Bucaill, Bracelets, Bruisichean, Cirean, Sgathain, Bataichean, Sgaileanan, Speuclairean, Gloineachan Sula, &c. So beagan de na nithean a tha sinn a sealltuinn, agus mu ’n ceannaich thu ’s coir dhut a dhol ’gan amharc. K. BEZANSON. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY. NOW MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company Ard-oifis:—Toronto, Canada. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Uilleam K Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 161] [Vol. 10. No. 22. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 17, 1902. No. 22. An Fheinn air a h-Uilinn. II. THA iomadh ni anns am faodadh cùisean a bhi na b’ fhearr na tha iad am measg Ghaidheal na h-Alba, ach tha dà ni gu sonruichte, ann am beachd na mòr-chuid de ’n t-sluagh, anns a bheil leasachadh gu mor a dhìth. ’S iad sin Am Fearann agus Cànain, Ceòl is Litreachas an t-Sluaigh. Is dòcha nach ’eil àrd no iosal, a muigh no aig baile, nach dùraichdeadh gu ’m biodh Sraithean is Glinn is Eileanan na Gaidhealtachd air an àiteachadh le sliochd a’ Ghaidheil na ’s cothromaiche na tha iad. Saoilidh mi nach ’eil Gaidheal an diugh beò, d’a rogha inbhe, nach dìt gu trom an sgànradh muladach a rinneadh air iomadh oighreachd ’s an àm dh’ fhalbh, agus gu sonruichte an dòigh anns an d’ rinneadh an iomadh àite, an sgaoileadh bochd. Ach nuair theirear na dh’ fhaodar, feumar aideachadh gu ’n robh an iomadh Eilean is Gleann, tri fichead bliadhna roimh so, tanachadh féumail. Cha robh comas aig na h-uiread de shluagh a bhi beò far an robh iad. Agus tha gun teagamh an diugh, ann an iomadh cearn de ’n t-saoghal, sliochd nam fògarrach làn-thaingeil gu ’n deachaidh an réiteachadh bronach a dheanamh. Ach dh’ fhalbh na dh’ fhalbh; agus is e glaodh mhòran ’n ar latha-no cothrom a thoirt daibh-san a dh’ fhan. Cha ’n ’eil ni eile air an do shocraich ar luchd-dùthcha an cridhe cho daingean ri faotainn air an ais do ’n fhearann a thugadh o’n aithrichean. Tha iad làn-dearbhta gur e so an còir, ’s gur ann leis an eucoir a tha e air a chumail bhuatha. Cha ruig sinn leas ioghnadh a bhi oirnn gu bheil iad de ’n bheachd so. Tha e nàdurra gu ’m bitheadh. Agus na ’n rachadh an Fhéinn a dhùsgadh, ’s gu ’m biodh na curaidhean de ’n aon bheachd d’ an robh iad ’nuair a chaidil iad, is dòcha gur ann air taobh an t-sluaigh a bhiodh iad, ’s a’ chéum so co-dhiù. Ach chinn còraichean ùra o linn na Féinne, agus cha mhòide gur ionnan beachd dhuinne Fianntan air Còir ’s air Ceart. Bidh mi air uairean a’ smuaineachadh gu bheil Gaidheil nam Bailtean-mòra car deas gu an comhairle a thairgse d’ an càirdean ’s d’ an coimhearsnaich a dh’ fhag iad ’n an déigh anns na Glinn, mu chùisean an fhearainn. Saoilidh mi gur e ar dleasdanas a h-uile comhairle ’s a h-uile cuideachadh is urrainn duinn a thoirt d’ ar càirdean ma chi iad cothrom air dachaidh a dheanamh far an urrainn daibh, le dìchioll, teaghlach a thogail ann an tomhas de chomhfhurtachd. Ach cha ’n iarrainn fhéin, air a h-aon, aon chuid air caraid no air coimhearsnach fuireach o bhliadhna gu bliadhna slaodadh ri gead thruagh de dh’ fhearann bochd nach beathaich ach fìor dhona bean no clann, bò no laogh, fhad ’s a tha an saoghal mòr fo cheann, Tha bàigh a’ Ghaidheil ris an t-seann dachaidh ro mhòr, agus tha dòchas gu ’m bi. Mar b’ àbhaist do ’n t-Siorramh Mac Neacail nach maireann a bhi ’g radh: “Am fear nach fhearr leis an t-àite anns an do rugadh e na àite eile fo ’n ghréin, bu chòir dha bhi air a bhreith an àiteigin eile.” Is ann le suil caraid,—seadh, caraid is dlùithe na bràthair—a sheallas tu air “a’ ghleann ’s an robh thu òg,” nuair a chi thu e, ’na làn-mhaise, air do chuairt shamhraidh. Agus nuair a thilleas tu do ’n Bhaile-mhor, cuiridh cuimhne na h-òige, rann a’ Bhàird, is toit a’ ghuail maise air a’ ghleann nach buineadh riamh dha. Tha dachaidh t’-òige, a charaid, am measg nan nithean a bha, ’s nach bi gu brath tuilleadh. Is iarna ro dhuilich a réiteach ceist an fhearainn ’s a’Ghaidhealtachd. Tha mòran fearainn fàs, agus tha mòran dhaoine gun fhearann a’ sealltainn le sùil mhiadhail air, ’s ag iarraidh a bhi ann. Cho fhad ’s a bhios a’ chùis mar so cha bhi an sluagh toilichte, ’s cha bhiodh e nàdurra no freagarrach gu ’m bitheadh. Ach cha toil seilbh an fhearainn air ais an toileachas inntinn a bha anns na Glinn ’s an àm a dh’ fhalbh. Tha atharrachadh mòr air tighinn am beò-shlainte an t-sluaigh o chionn dà fhichead bliadhna. Feumaidh do bhràthair ’s a theaghlach iomadh goireas nach toir an seana ghleann seachad, ’s a thigeadh t’ athair ’s do sheanair as aonais. Agus tha a’ bhuil. Far a bheil an sluagh car comhfhurtachail cha ’n fhan an òigridh mu ’n t-seann dachaidh. Mu ’n gann a tha iad aig aois no aig spionnadh togaidh iad orra a shireadh dhachaidhean ùra. Tha so a’ dol air aghaidh o bhliadhna gu bliadhna air Ghalltachd ’s air Ghaidhealtachd, an Sasunn ’s an Albainn. Tha an dùthaich a lion beag is beag a’ dol ’na fàsach. Is e tha fagail cùis an fhearainn cho duilich a leasachadh ’s a’ Ghaidhealtachd gur anns na ceart àitean is neo-thoraiche ’s is neo-fhreagarraiche air tuath bheag is dumhaile an sluagh ’s is cruaidhe an glaodh air son fearainn. Is e ar dleasdanas-ne a dh’ fhàg an dùthaich ’s a thuinich ’s na Bailte mòra a bhi deanamh na dh’ fhaodas sinn gu cothrom fhaotainn dhaibh-san a tha anns na seann dachaidhean fhad ’s nach bi sinn ag iarraidh ana-cothrom dhaoine eile. Ach gus am faighear comas air tuilleadh farsuingeachd fhaotainn dhaibh, cha tig e gu ro mhaith dhuinne, saoilidh mi, a bhi a’ comhairleachadh dhaibh deanamh mar nach d’ rinn sinn fhéin, fuireach far a bheil iad, ag éisdeachd ris a’ ghaoith gus an traoigh na h-uisgeachan. Tha an cothrom so, taing do ’n Fhreasdal, r’a fhaotainn ann an tomhas mar tha, agus ’s e ar dùrachd gu faighear e fhathasd na ’s motha ’s na ’s fhearr. Ach is ann, uidh air n-uidh, fo reachdan cothromach ’s i fo riaghailtean freagarrach a nithear Ceart is Còir ’s a’ cheum so. Cha ’n e Spiorad na Féinne a réiticheas cùisean an fhearainn ’s a’ Ghaidhealtachd. Tha cliù is còir a Chànain ’s a Chiùil gu ro mhòr am beachd a’ Ghaidheil nuair a tha e ag iarraidh an Fhéinn a làn-dhùsgadh. Anns an t-seann aimsir bha cliù na Gàidhlig ro àrd. Ma bha an Fhéinn riamh ann, b’ i a’ Ghàidhlig an cainnt. Co-dhiù cha b’ i a’ Bheurla i. Bha tìm nan Curaidhean seachad iomadh linn mu ’n do rugadh a’ Bheurla. Cha ’n ’eil fhios againn cuin a thainig an t-seana Chànain do na crìochan so. Bha i siùbhlach iomadh ceud bliadhna mu bheil Eachdraidh nan Rioghachdan so a’ tòiseachadh. Ach tha làn chinnt againn, Gur h-i labhair Pàdraig an Innis-Fàil nan Rìgh, ’S am Fàidh naomh sin Calum caomh an I. Agus a thuilleadh air sin tha dearbhadh againn gu robh a’ Ghàidhlig cha ’n ann a mhàin air a labhairt ach air a sgrìobhadh an Eirinn ’s an Albainn o linn Phàdraig is Chalum-chille. B’ e cliù nan Gàidheal, nuair a bha Cinnich eile ag amharc sìos air an Cànainean fhein, ’s a’ sgrìobhadh an cuid Eachdraidh ann an Laidinn ris nach éisdeadh seana mhadadh Ròmanach ach le tàir, gu ’n do sgrìobh iadsan am Bàrdachd ’san Seanachas ’n an cainnt fhéin. Tha a’ chuid mhòr de na seann Leabhraichean Gàidhlig a dhìth gu bràth, ach anns na tha fhathast maireann diubh tha aig a’ Ghàidheal dìleab is luachmhoire na tha aig Cinneach eile an taobh an Iar na Roinn Eorpa an diugh. Tha an t-seana chainnt duilich a thuigsinn, agus tha e gun teagamh ’na chromadh-cinn do ’n Ghaidheal gur e Gearmailteach a dh’ ionnsuich dha a sheann leabhraichean fhéin a leughadh, agus gur ann aig a’ choigreach a tha an t-aite-toisich ’s an fhòghlum so fhathasd. Cuin a chuireas an Gàidheal de mheas air seann Litreachas a Shluaigh ’s gu ’n ionnsaich e a leughadh a thuigsinn. Cha ’n ’eil ni eile a thogadh a chliù cho àrd am measg nan Pobull. Tha a’ Chànain so againne ’s aig Gàidheil Eireann is Mhanainn ’n a Cainnt bheò. Ciod e dleasdanas a’ Ghàidheil do ’n Ghàidhlig? Tha an t-Eirionnach ag iarraidh a’ Ghàidhlig a bhi a stigh, ’s a’ Bheurla a bhi a muigh. Their e nach Sluagh daoine gun Chànain. Iarraidh sinne an Albainn a’ Bheurla a thoirt a steach, ’s gun a’ Ghàidhlig a chur a mach. Is dòcha nach ’eil ceist eile a rachadh m’ ar coinneamh d’ an tugadh an cridhe aon fhreagairt agus an tuigse freagairt eile cho deas ri ceist na Gàidhlig. Ach mar tha cùisean an Gàidhealtachd na h-Alba a nis cha tigear as aonais na Beurla. ’S e so dearbh-bheachd an t-sluaigh aig baile. Cha ’n ’eil Maighstir-Sgoil air Ghaidhealtachd no Riaghlair-Sgoil an Lunnainn cho mòr an geall air gu ’n ionnsaich Clann a’ Ghàidheil a’ Bheurla ’s a tha an t-athair ’s a’ mhàthair nach labhair facal Beurla iad fhéin. Agus tha reusan air. Cha ’n ’eil aon eile aig a bheil an dearbhadh beò a tha acasan gur duine air leth-làimh, air leth-chois, ’s air leth-shùil fear gun Bheurla an Albainn an diugh. Bha a’ Bheurla a’ tolladh a stigh do ’n Ghàidhealtachd o chionn tri fichead bliadhna nuair a sgrìobh Tormod Mac Leoid, is iomadh latha roimh sin Tha i an diugh a’ sruthadh a stigh. Thig an latha, mur an d’ thàinig e cheana anns am bi i a’ taomadh ’s a’ tonnadh a stigh, agus an sin cha chumadh Fionn fhéin le chuid Fhianntan a mach i. Ach ged dh’ iarras sinne, le ar n-uile dhùrachd a’ Bheurla a stigh ’s a’ Ghàidhealtachd, cha mhòr dhinn a dh’ iarradh a’ Ghàidhlig a muigh. Is dòcha nach ’eil aon ’n ar measg a bhuaileadh am buille air an t-seana Chànain, agus gu cinnteach ’s i mo làmh-sa an làmh mu dheireadh d’ am bu chòir an slachdan a thairgse. Ach air a shon so cha ’n ’eil mi meas gu mair an dà chànain ro fhada beò ’s a’ Ghàidhealtachd, taobh ri taobh. Is uallach fìor-aotrom r’a ghiùlan, Cànain; agus tha fear-an-dà-theanga fada air thoiseach air-san aig nach ’eil ach aon; tha e na ’s fòghluimte ’s na ’s tuigsiche. Ach tha am Breatunnach ’na dhroch Cànanaiche, agus bha riamh. Is iad na daoine fòghluimte a mhain a [TD 162] [Vol. 10. No. 22. p. 2] ghabhas an dragh ’n ar measg-ne ris an dara Cànain ionnsachadh, agus cha ghabh eadhon iadsan an dragh sin, mur bi an dara Cànain gu am buannachd. Ach cha ’n fhaigh a’ Ghàidhlig bàs fhad ’s is beò Niall Mac Leoid, no iomadh bliadhna an déigh do ghuth binn a’ Bhàird a bhi an tosd na h-uaighe, agus gu ma fada bhuainn an latha sin. A bheil sinne a’ toirt an urraim a bu chòir do ’n t-seana Chanain, fada goirid ’s a bhios i leinn. Cha saoil mi gu ’n abair aon againn gu bheil. Tha, gun teagamh barrachd meas air a’ Ghàidhlig, air dòigh no dhà, ’n ar latha-ne, na gheibheadh i o chionn leth-cheud bliadhna, agus tha so taitneach. Ach saoilidh mi gu bheil roinn cò-dhiu de ’n mheas so air sgàth an fhasain, agus nach mair e. ’N am òige-sa nuair a thigeadh Domhnall do ’n Bhaile-mhòr, dheanadh e Daniel dheth fhéin. An diugh, am fear a chuir athair ’s an leabhar fo ’n ainm John no James, chi thu ’s a’ Phaipeir-naigheachd e ’n a Ian no ’n a Hamish. Rinn Mac Leoid na Morairne “Mòr òg” ainmeil le a briseadh-Beurla an déigh dhi bhi sè mìosan an Glascho. Nach aithne dhuit aon no dhà am measg do luchd-eòlais a dh’ ionnsaich “dé mar tha thu,” no “bliadhna mhaith ùr dhuit” a ràdh, a dh’ fhàilticheas thu tri uairean ’s an latha le “dé mar tha thu,” ’s a bheir a’ “bhliadhna mhaith ùr” dhuit nuair a tha a’ bhliadhn’ ùr aona mìosa deug a dh’ aois. Nuair a theid balach ris an tombaca ’s e an ceud rud a ni e a’ phìob is faiceala ’s a’ bhùth a cheannach. An làthair a phàrantan theid a’ phìob am falach. Am measg a chompanach tha i an dara cuid ’n a phluic, no tha roinn mhaith de ’n chois r’a faicinn a mach as a phòca. An ùine ghoirid cha chuir an gille òg a’ phìob aon chuid ’s a’ chiùil no ’s an uinneig. Air a’ cheart dòigh mu d’ chainnt. Tha a bhi a’ deanamh moit aisde ’n a chomharra cho cinnteach gu bheil i air dhroch càramh ’s a tha a bhi a’ gabhail nàire dhith. Anns na Bailte-mòra gu sònruichte chithear Comunn air muin Comuinn ’g an cur air chois a chumail suas Cànain is Litreachais a’ Ghàidheil, agus tha so uile ceart is freagarrach. Ach eadhon anns na Comuinn Ghàidhealach, a bheil a’ Ghàidhlig an comhnuidh a’ faotainn an urrainn a tha dligheach dhi? Nach ’eil e fìor gur e moran Beurla is beagan Gàidhlig, mar is trice, a chluinnear aig a’ mhor-chuid de na Comuinn so? Nach ann ainneamh is urrainn Ceann-suidhe a’ Chomuinn facal de ’n chainnt a labhairt? Aig Coinneamh bhliadhnail nan Comunn Gàidhealach nuair a theid cliù na Gàidhlig a sheirm am Beurla, mar is trice air son iomadh buaidh nach buin gu dligheach do ’n Chainnt, cluinnear gàir is ùpraid gu leòir. Ach cha chum éigh-aoibhneis no breabadh chas no greadadh bhas a suas cliù Cànain; na ’n cumadh, b’ aon Linn an Aigh Eachdraidh na Gàidhlig. Air an làimh eile ciamar tha cùisean? Cha chluinnear a’ Chànain ’s an Sgoil. Mar is trice cha tuig am Maighstir-sgoil facal Gàidhlig. Cha tàinig a’ chùis gus an ìre so anns a’ Phulpaid fhathasd; ach bha i riamh aig an ìre so ann an ionnsachadh na Cléire, agus tha a’ bhuil, r’a fhaicinn air dòigh no dhà. Cha ’n ’eil ni eile a dhearbhas beag meas a’ Ghaidheil air a Chànain ’s air a Litreachas cho maith r’a bheag suim de Leabhraichean, de Chuairtearan ’s ’de Phaipeirean-naigheachd Gàidhlig ’s d’ an Ughdair. Is gann a chuir duine riamh a mach leabhar Gàidhlig nach do chaill air. Ceud bliadhna roimh so thuìrt an t-Ollamh Iain Mac-a-Ghobhann, Ministeir Cheann-locha, an déigh a bheatha ’s a chuid a chaitheadh a’ cur a mach leabhraichean Gàidhlig, gu ’m b’ fhearr leis gu ’n d’ fhuair a’ Ghaidhlig bàs mu ’n do rugadh esan. Thainig Cuairtearan Mhic Leoid gu crìch le suarachas ’s le eud na Cléire. ’S e cion cuideachaidh a chuir as do ’n “Ghàidheal.” Tha MAC-TALLA air uideal leis an riasan cheudna. Tha mu dheich uiread Ghàidheal an Glascho ’s a tha de shluagh ’s an Oban. Ach tha tri no Ceithir de Phaipeirean-naigheachd Beurla ’s an Oban, ’s cha ’n ’eil Cuairtear no Paipeir-naigheachd Gàidhlig an Glascho. Cha ’n ’eil àite de ’n t-saoghal ’s an tuinich dusan no leth-dusan Gall nach fhaighear iad cruinn oidhche ’s a’ bhliadhna a char urram air Burns, agus tha na Goill a’ deanamh gu maith. Bha an uiridh fleadh gu cuimhne Bhurns ’s an Oban, an Tobarmhoire, ’s an Gearastan Inbhir-lòchaidh; agus bha sin taitneach. Ach cha robh guth aig Gàidheal air Donnachadh Bàn, no air Mac Mhaighstir Alastair, no air Iain Lom; agus saoilidh mi nach robh sin bòidheach. Their thu, maith dh’ fhaoidte, nach fhiach na leabhraichean Gàidhlig a thatar a cur a mach an leughadh. Mur an ceannaich thu iad, tha thusa a’ deanamh na dh’ fhaodas tu gu feadhainn a’s fhearr a chumail air an ais as a’ mhargadh. Suas leis a’ Ghàidhlig! Mo chreach! Tha Spiorad ùr gu mòr a dhìth chumail suas na Gàidhlig. Ma bheir sinn cluas d’ ar Litreachas saoilidh mi nach robh Sluagh riamh ann a bu bhàigheala ri Ceòl na na Gaidheil. Bha na Bàird a’ seinn an òran le cuideachadh inneil-chiuil ri linn Chalum-chille, agus, gun teagamh, ri iomadh linn roimhe. Tha roinn mhor de ’n t-seann Litreachas ’na Bàrdachd, agus roinn na ’s motha de Litreachas ar latha fhéin. Agus bha Bàrdachd a’ Gháidheil daonnan ann an rann, gu bhi ’ga seinn. ’S i a’ chlàrsach suaicheantas na h-Eireann, agus is mòr a’ chliù sin. Cha ’n fhaighear a mhac-samhuil ’s an Roinn-Eorpa. “Cha ’n ith mi biadh, cha ’n òl mi deoch, ’s cha ’n éisd mi ceòl” gus an dean mi sid no so,—facal a tha gu tric ’n ar Sgeulachdan. Cha tigeadh an Gaidheal o shean beò air aran a mhàin; bha ceòl cho feumail do ’n Spiorad ’s a bha biadh is deoch do ’n Chorp. Bha an Ceòl binn thar tomhais; chuireadh e a chadal “fir ghointe is mnathan siubhla.” Tha mòran de ’n t-seana Cheol air chall ’s cha ’n fhaighear air ais e. Cha ’n ’eil teagamh nach e a’ Chléir a bu choireach, ann an tomhas mòr, gu ’n d’ thainig ar Ceòl gu beag meas o chionn tri no ceithir a dh’ fhicheadan bliadhna. Bha roinn d’ ar Ministeirean Gaidhealach a b’ ainmeala ’nan sàr-luchd-ciùil iad fhéin; ach bha iad, a reir coslais, de ’n bheachd, gu ’m bu nithean cronail ceol is dannsadh. Bha mi fhéin air banais aig nach faodadh ceòl a bhith, air neo cha dèanadh am ministeir am pòsadh; agus bha luchd-an-dannsaidh uair no dhà o chionn uine nach ’eil fada, air beulaobh Cùirt aon d’ ar n-Eaglaisean. Ach tha nithean air atharrachadh a chum na cuid as fhearr ’s as taitniche a nis. Agus tha co-dhiù aon Eaglais an Glascho a ghabhas lethsgeul moran de ’n Chléir le meud a saoithreach ’s a dùrachd ’s a’ chùis so. Rinn Coisridh-chiùil a’ Choimhthionail so agus am Mòd Gàidhealach mòran gu bhi a’ cur cliù Ghàidheal na h-Alba air son ciùil ’n a àite dligheach aon uair eile, ’s bidh fiughair gu ’n dean iad tuilleadh fhathasd. Agus tha mi an dòchas, ma dh’ amaisear gu bràth air an t-seann dùdaich gu ’n séidear sgal oirre cho cruaidh ’s gu ’n dùisg i na Curaidhean a dh’ ionnsachadh an t-seana chiùil dhuinn, agus gu freagair Oragan Eaglais ùr Chalum Chille an Glascho le toirm as binne ’s as cruaidhe na sgal Dùdach na Féinne. D. M‘K. Is fhearr an teine beag a gharas na ’n teine mor a loisgeas. Comhradh. SEUMAS.—Cha chreid mi gu ’m bheil saod math ort an diugh, a Dhomhuill. Tha droch ghreann ort. An robh thu fhein is Mairi Bhàn a’ trod mu na cearcan an diugh? Tha iad ag innseadh dhomhsa gu ’m bheil na cearcan ’s na tunnagan aice an déigh domail mhòr a dheanamh air an arbhar agad, agus gu ’m faigh thu do chàineadh ’s do smàdadh uaipe ma their thu facal rithe mu ’n deidhinn. Bean gun nàire, agus b’ ise sin. Ach cha ’n ’eil i ach mar a bha ’n tréibh o’n d’ thàinig i. Cha b’ urrainn na nàbuidhean riamh a bhith réidh riutha. Bha iad coma ach rud fhaotainn. Ghabhadh iad an t-aodach a tha mu d’ dhruim nam faigheadh iad e, ged a thigeadh ort a bhith ’falbh rùisgte. DOMHULL.—Cha ’n ’eil thu ’g ràdh facal ach an fhìrinn, a Sheumais. Tha Mairi Bhàn agus a cuid eunlaith an déigh mo pheacachadh. Moch is anamoch is meadhain latha bidh a cuid cheart is thunnag anns an arbhar agam. Ma thilgeas mi spitheag air na cearcan, éirigh greann is colg oirre mar gu ’m faiceadh tu coileach Frangach, agus càinidh i mi thun mo bhrog. An uair a thainig i do ’n nàbachd agam an toiseach, bu tric leam, mar a bha ’ghòraich’ orm, cumail rithe an uair a theannadh i ri trod rium; ach bhiodh am facal mu dheireadh aice ge b’ oil leam. Thuig mi nach ruiginn a leas dùil a bhith agam ri stàmhnadh a chur oirre le càineadh no le comhairleachadh, agus smaoinich mi gu ’m b’ fhearr dhomh gu mòr éisdeachd rithe. Agus tha mi ’tuigsinn gu ’m b’ fhearr leatha gu mòr mi bhith ’g a cothachadh na mi bhith ’g éisdeachd rithe. S.—Bu cheart cho math dhut teannadh ri iarraidh air sruth an lìonaidh fuireach air ais ri teannadh ri comhairle a thoirt air Mairi Bhàin, no air té sam bith eile dhe ’leithid. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Comhairl’ thoirt air mnaoi bhuirb, mar bhuill’ ùird air iarunn fuar.” D.—Mar is math a dh’ aithnich thu air m’ aodann, a Sheumais, tha mi glé chorrach ’nam inntinn an diugh fhein; ach cha ’n ann aig Mairi Bhàin a tha choire. Mar a tha fhios agad fhein, tha mise ’faotainn a’ MHIC TALLA, agus faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi, nach aithne dhomh aon phàipear eile a’s mò a bheir de thoileachadh dhomh na e. Ged a theid agam air Beurla ’leughadh agus a thuigsinn cho math ri fear sam bith eile dho m’ sheorsa, cha tig a’ Bheurla ri m’ inntinn cho dluth ’s a thig a’ Ghàilig. A. nis, chunnaic mi anns a’ MHAC-TALLA rud a chuir dragh is mi-ghean gu leor orm; agus rud bu chòir mi-ghean a chur air a h-uile fear is te anns am bheil deur dhe ’n fhuil Ghàidhealaich. S.—Ciod e an rud a bh’ ann? Feumaidh gur e fior dhroch rud a bh’ ann mu ’n do chuir e cho mòr bhar do shiùil thu. Cluinneam e. D.—Tha fear a’ phàipear ag ràdh gu ’m bheil moran a’ faotainn a’ phaipear nach ’eil a’ pàigheadh sgillinn air a shon eadar dà cheann na bliadhna. Tha e ’g ràdh gu ’m bheil eadhoin feadhainn ann a tha ’g a fhaotainn o chionn dlùth air dà bhliadhna nach bo phàigh bonn-a-sia ruadh shon fhathast. Tha ioghnadh ormsa gu ’m bheil an duine còir ’g a chur uca. S.—Is e fìor dhuine còir a th’ ann ma tha e ’cumail pàipear-naigheachd ri daoine fad bliadhna no dhà gun dad air a shon. Tha eagal ormsa gu ’m feum e sgur dhe ’n obair sin an ùine gu ’n bhith fada, ma bhios toil aige a chasan a sheasamh. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is olc an fhialachd leis an cuir duine e fhein thun na h-aimbeirt.” Cha ’n ann gun dragh gun saothair gun chosgais gu leòr a chumar pàipear-naigheachd [TD 163] [Vol. 10. No. 22. p. 3] air a chois o bhliadhna gu bliadhna. Tha e ’cur mòran ioghnaidh orm gu ’n rachadh aca air pàipear-naigheachd a reic air son sgillinn. Tha cuimhne mhath agamsa air an àm anns an cosgadh cuid dhe na pàipearan-naigheachd trì sgillinn, no corr. An uair a bha mise ’dol do ’n sgoil cha ’n fhaighteadh ach dà shiota de phaipear tana air an sgillinn. Agus an uair a dheanainn sgrìobhadh mòr trom air, rachadh an ince troimhe o thaobh gu taobh. D.—Ged a chuir na leugh mi anns a’ MHAC-TALLA dragh gu leòr orm, is e bhrosnaich mo nàdar buileach na briathran a chuala mi aig a’ mhinistear ’s aig a’ mhaighstir-sgoile an diugh fhein. Mar a tha fhios agad fhein, tha Comunn ann an Duneidionn a tha ’toirt seachad airgid do na maighstirean-sgoile a dh’ ionnsaicheas do ’n chloinn am Biobull Gàilig a leughadh. Tha iad a’ faotainn crùn air son a h-uile aon de ’n chloinn a th’ air a’ choigeamh leabhar, do ’n aithne am Bìobull Gàilig a leughadh. Agus tha ’n Comunn so a’ cur mu choinneamh dithis dhe na ministearan a th’ anns an àite a’ chlann a chluinntinn a’ leughadh, agus ainmeannan na feadhainn a leughas ceart a chur g’ an ionnsuidh. Chaidh mise do’n taigh-sgoile feuch an cluinninn cia mar a leughadh dithis dhe ’n chloinn agam fhìn a bh’ air a’ chòigeamh leabhar. Agus eadar mi fhìn ’s tu fhein, cha robh an leughadh ach glé mheadhanach. Cha robh na ministearan toilichte leis an t-seorsa leughaidh a rinn a’ chlann na ’s mò na bha mi fhìn. Agus bha am maighstir-sgoile a’ gabhail a leithsgeil fhein, mar bu mhath a b’ aithne dha, agus ag ràdh, gu ’n robh mòran de nithean eile aige ri theagasg do ’n chloinn, agus air an aobhar sin, nach robh e cosg ach beagan mhionaidean ri teagasg na Gàilig. Thuirt mise rium fhìn an uair a bha e ’gabhail a leithsgeil fhein: “Ged nach ’eil toil agad a’ Gháilig a theagasg do ’n chloinn, gabhaidh tu an duais glé thoilichte.” Ged nach robh gnothach sam bith agam mo bheul fhosgladh ’na leithid a dh’ aite, ghabh mi orm fhìn de dhànadas bruidhinn; agus thuirt mi ris a’ mhaighstir-sgoile: “Shaoilinn nach bu droch dhoigh dhuibh an leasan Bìobuill a thoirt do ’n chloinn a h uile madainn ann an Gàilig. Tha fhios agaibh nach tuig a’ chuid mhòr dhe ’n chloinn a’ Bheurla gu math fhathast, agus nan leughadh iad am Biobull Gailig a h-uile madainn an àite a’ Bhiobuill Bheurla, cha b’ e mhàin gu ’n tuigeadh iad facal Dhé na b’ fhearr, ach dh’ ionnsaicheadh iad a’ Ghailig a leughadh na b’ fhearr.” Ciod e a th’ agam air ach gu ’n do sheall am maighstir-sgoile orm le gruaim, agus thuirt e: “Tha toil agamsa gu ’m faigheadh mo chuid sgoilearan air aghart anns an t-saoghal, agus mar is lugha ’bhios a dh’ eòlas aca air Gàilig is ann is fhearr a gheibh iad air aghart.” Sheall fear dhe na ministearan orm, agus ged nach duirt e facal, dh’ aithnich mi air a ghnùis nach do chòrd cainnt a’ mhaighstir-sgoile ris. Fhreagair am ministear eile, agus thuirt e: “Tha mi corr is fichead bliadhna anns an sgìreachd so, agus cha d’ fhosgail mi Biobull Gàilig riamh anns an ùine so ach anns a’ chùbaid a h-uile Sàbaid an uair a bhithinn a’ searmonachadh ann an Gàilig. Agus ged a tha Gàilig gu leòr agam fhin ’s aig mo mhnaoi, cha do labhair sinn facal riamh ris a’ chloinn, no ris an luchd-muinntir a bh’ againn. B’ e maighstir-sgoile Gailig a bha ’nam athair,” ars’ esan, “agus cha do labhair e facal Gàilig ri aon de ’chloinn riamh. Ged a tha Gàilig gu leòr agamsa, cha b’ ann o m’ athair a dh’ ionnsaich mi i, ach o m’ mhàthair, agus o na coimhearsnaich.” An uair a chuala mi na briathran ud, cha robh fhios agam ciod a theirinn. Mur cluinninn o ’bheul fhein na briathran ud, cha chreidinn iad. Mar a dh’ fhaodas tu ’chreidsinn, dh’ fhas mi glé chorruch ’nam nàdar. Thionndaidh mi ris a’ mhaighstir-sgoile, o’n is ann air a b’ eòlaiche mi, agus thuirt mi ris: “ Ma ’s i a’ Ghàilig a tha ’cumail dhaoine gun fhaighinn air aghart anns a’ Ghàidhealtachd, innis dhomhsa c’ar son a tha na ficheadan mìle de dhaoine a fhuair mòr-fhoghlum agus a labhras Beurla na ’s fhearr na duine ’s an dùthaich, a’ cheart cho fad air ais anns an t-saoghal ris na daoine do nach aithne tri facail Bheurla labhairt gu ceart?” An uair a chunnaic am maighstir-sgoile nach b’ urrainn e mo fhreagairt, thug e steach seanachas eile. Cha robh aobhar sam bith dhomhsa a dhol air aghart na b’ fhaide leis a’ chomhradh. Ach cha do ghabh mi barail mhath aon chuid air na ministearan, no air a’ mhaighstir-sgoile. S.—Innsidh mise dhut, a Dhomhuill, mar a tha. Tha mòran dhe na Gàidheil a dh’ fhàsas gle mhòr asda fhein, agus glé phròiseil ma gheibh iad air aghart anns an t-saoghal. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is iongantach le circ aghastar a chur rithe.” B’ olc bu chòir do mhinistearan na Gàidhealtachd dimeas a dheanamh air a’ Ghàilig. Is ann air a saillibh a fhuair iad a bhith ’nam ministearan. Cha ’n ’eil fear as an fhichead dhiubh a gheibheadh, le chuid Beurla, a bhith ’na mhinistear am measg nan Gall. Ach cha ’n ’eil feum dhutsa no dhomhsa teannadh ri comhairle a thoirt orra, tha ’n àireamh a’s mò dhiubh cearta coma ged nach tigeadh orra facal Gàilig a leughadh no labhairt ri ’m beò. IAIN. Micheil Scot. MAR A FHUAIR E FIOS NA H-INID AS AN ROIMHE AGUS A CHUIR E CRIOCH AIR A BHI ’DOL AN SIN G’A SIREADH. “An Inid bheadaidh* thar gach féill, Is olc an aimsir duine ghionaich ’thig na déidh.” AN uair a bha ’n dùthaich fo riaghladh a’ Phàp, cha ’n fhaodteadh ni air bith a dheanamh no a ràdh leis an t-sluagh gus am faigheadh iad comas a’ Phàp. B’ i an Inid a bha a’ riaghladh na h-uile féill a bha ’ga leanachd fad na bliadhna. Mar so, ’nuair a bhiodh fios air là na h-Inid, bha fhios air là-aimsir gach féill fad na bliadhna. Air là na h-Inid bha an Carbhas a’ tòiseachadh; sia seachdainean an déidh sin bha là Càisge, agus mar sin a sios gu ruig ceann na bliadhna. Bha duine a’ dol as gach dùthaich a h-uile bliadhna a dh’ iarraidh fios na h-Inid do ’n Ròimhe, agus an uair a thigeadh e dhachaidh agus a dh’ innseadh e co b’e là na h-Inid air a’ bhliadhna sin, bha duine ceannsgallach, tapaidh, curranta, seòlt’ agus deagh-bheusach air ainmeachadh gu dol do ’n Ròimhe g’a sireadh an ath bhliadhna. Bha Mìcheil Scot, duine foghluimte, ainmeil r’a là, air a shònrachadh gu dol do ’n Ròimhe a dh’ fhaotainn fios na h-Inid, bliadhna de na bliadhnachan; ach am measg na h-uile gnothach eile ’bha aige r’a dheanamh dhichuimhnich e ’dhleasdanas gus an robh féisdean na bliadhna thairis aig Aifrionn na Coinnle. Cha robh mionaid r’a chall. Thog e air a dh’ ionnsaidh té de na loithean-marcaich is thubhairt e rithe, “Cia cho luath ’s a tha thusa?” “Tha mi cho luath ris a ghaoithe,” ars’ ise. “Cha dean thu’n gnothach,” arsa Mìcheil. Ràinig e ’n ceathramh té, ’s chuir * Theirear an “Inid Bheadaidh” ’n uair a tha a’ ghealach ùr beagan làithean an déidh na Féille Bride. Air dha so a bhith, thigeadh mar a theireadh na seann daoine, “Earrach fad air chùl càisge.” e ’cheist rithe. “Tha mi cho luath ri aigne maighdinn eadar a dà leannan.” “Ni thusa feum,” arsa Mìcheil; “dean deas.” “Tha mis’ a ghnàth ullamh, na ’m biodh an duine do m’ réir,” deir ise. Dh’ fhalbh iad, agus bu cho-ionnan muir is tìr dhaibh. Nuair a bha iad air a’ mhuir thuirt a’ ghlaistig ris, “Ciod a their mnathan ann an Albainn, ’n uair tha iad a’ smàladh an teine.” “Marcaich thusa,” arsa Micheil, “ann an ainm do mhaighstir, agus coma leat sin.” “Beannachd dhut fhein ach mollachd aig d’ oid’-ionnsachaidh,” fhreagair i “Ciod,” ars’ ise ’rithist, “a their na mnathan an uair tha iad a’ cur a’ chiad aisearean a laidhe agus an dara cìochran ’n an uchd?” “Marcaich thus’ an ainm do mhaighstir, agus leig le mnathan Alba cadal,” deir Mìcheil. “Bu lonach an té ’chuir a’ chiad chorrag a ’d bheul,” ars’ ise. Ràinig Mìcheil an Roimhe; b’ i a’ mhaduinn a bh’ ann; chuir e grad fhios a dh’ ionnsaidh a’ Phàp gu robh teachdaire na h-Alba aig an dorus ag iarraidh fios na h-Inid le cabhaig, mu ’n rachadh an Carbhas air chall. Thàinig am Pàp gun dàil do ’n àit-éisdeachd. “Cia as ’tha thusa?” deir e ri Mìcheil. “Tha mise o do chloinn dhìleas ann an Albainn, ag iarraidh fios na h-Inid, mu ’n teid an Carbhas air chall,” deir Mìcheil. “Bha thu ro fhada gun tighinn,” “Is tràth a dh’ fhàg sin mi,” fhreagair Mìcheil. “Is math àrd a mharcaich thu.” “Cha b’ àrd ’s cha b’ ìosal ach dìireach romham,” deir Mìcheil. “Chi mi,” deir am Pàp, “sneachd air do bhonaid.” “Tha, le ’r cead, sneachda na h-Alba.” “Ciod,” ars’ am Pàp, “ an comharradh ’bheir thu dhomhsa air sin, agus gu bheil thu air tighinn á Albainn a dh’ iarraidh fios na h-Inid?” “Tha,” arsa Mìcheil, “gu bheil bròg air do chois nach buin dhuit fhéin.” Thug am Pàp sùil agus bha bròg le neach eile air a chois dheis. “Gheibh thu na tha ’dhìth ort,” deir e ri Mìcheil, “agus bi falbh. Is e a’ chiad Di-màirt de ’n chiad solus earraich latha na h-Inid.” Mar so fhuair Mìcheil Scot fios air an diomhaireachd a bha ’m Pàp a’ cumail dha fhéin. Roimhe so cha d’ fhuair an teachdaire ach gu ’m b’e a leithid so no leithid sud de latha latha na h-Inid air a’ bhliadhna sin, ach fhuair Mìcheil fios air mar a bha ’m Pàp fhéin a faotainn a mach an latha. Ciamar a phill Mìcheil cha ’n ’eil eachdraidh ag innseadh. NA DEILGNI BROID. SGEUL EIREANNACH FO ’N AON SAMHUIL. Bhi (bha) beirt dearbhráthar ann fad ó, clann fheirméire (tuathanach) dar bh’ ainm dóibh Micheál agus Mártan, agus bhi grádh mór aca ar a chéile, acht bhi an fear do b’ óige, Mártan, ag cailleadh a shláinte, is gan a fhios aca cér’d bhì air. Bhì sé ag cur imnidhe (iomaguin) móire ar a athair ’s ar a mháthair, ’s go háirithe ar Mhicheál. Faoi dheireadh fuair seisean amach uaidh an fáth a raibh sé cho breoite sin. Dubhairt Mártan leis: “Ni’l oidhche dá dtéidhim amach le féar do bhaint as an gcruaigh chum a thabhairt do na ba nach dtig rud éigin, mar bhéadh muc mhor alla, eadair mo dhá chois, agus árduigheann sé leis ar a dhruim mé, thrì choillte ’s gleannta, os cionn sléibhte is uisge na tìre, go mbìm i riocht laige sul má dtugann sé ar ais mé ins an áit chéadna.” “A’ Mhártain bhoicht,” ars’ an fear eile, “cad chuige nár innsis sin damh-sa cheana? Ar labhrais leis riamh? Nó ar labhair seisean leat-sa?” (Air a leantuinn air taobh 166). [TD 164] [Vol. 10. No. 22. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear ga luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IANUARAIDH 17, 1902. Duais an Fhir-chronachaidh. BLIADHNA no dha air ais cha robh duine ’s an Impireachd Bhreatunnaich bu mhotha luaidh air ainm na Rudyard Kipling. Mu ’n àm a bha an cogadh Boerach a tòiseachadh, rinn e dàn no dha a chuir a mhor chuid dhe ’n t-sluagh air mhire-chatha, agus chluinnte cliù air mar bhàrd agus mar sgriobhaiche ann an iomadh cearna dhe ’n t-saoghal anns nach faicear gu bràth ’fhaileas. Mhair so car beagan mhiosan, agus an deigh sin chaidh e ann an tomhas mor air di-chuimhn’. An diugh cluinnear a bhi luaidh air ainm a rithist, ach ann an dòigh eile. Tha e air dàn ùr a dheanamh d’ an ainm “Na h-Eileanaich,” anns am bheil e labhairt mu na Breatunnaich air mhodh nach ’eil a’ còrdadh riutha. Tha e ’fàgail orra nach eil iad a’ cumail a chogaidh air adhart mar bu chòir dhaibh,—gu bheil iad na ’s déidheile air cluich na tha iad air cruaidh obair, agus gu bheil na daoine làidir foghainteach a’ fuireach aig baile ’s a fàgail a’ chogaidh am freasdal ghillean-sràide nam bailtean mora, ’s muinntir nan colonies. Tha e ’g ràdh gu bheil iad tuilleadh us cinnteach as an tearuinteachd, agus tha e ’deanamh fàisneachd, mur ionnsaich am barrachd dhiubh cleasachd airm gu ’m faod e bhith gu ’m faigh an dùthaich aobhar-aithreachais. Tha esan dhe ’n bharail gu ’m bu chòir do gach òganach nuair a thig e gu aois fearachais an t-saighdearachd ionnsachadh, agus na ’m biodhte leantuinn na riaghailt sin gu ’m biodh an dùthaich an ùine ghearr da-rireadh tearuinte. Tha am Breatunnach, ’s gu seachd sònruichte an Sasunnach, cho mor as fhéin ’s nach toir e am bitheantas cluas cheart do chronachadh, agus ’s e sin a tha Kipling a fiosrachadh aig an àm so. Thatar ’ga chàineadh gu chùl ’s ’ga chur sios mar bhàrd ’s mar dhuine; a dh’ aon ’fhacal, a toirt dha na duaise bha riamh mar chuibhrionn aige-san a chuireadh an ceill fìrinn a bha car searbh ri h-éisdeachd. An Robh Oisean Ann? CHO luath ’sa thug Seumas Mac-Mhuirich do ’n t-saoghal na dàin a bha e ’g ainmeachadh air Oisean mac Fhinn, bha comhstri dhian air a dùsgadh mu ’n cheist, “Am b’ iad na dain so bàrdachd Oisein no bàrdachd Mhic-Mhuirich?” Agus ged tha ’cheist sin fa chomhair Ghaidheal us Ghall o chionn seachd fichead bliadhna tha i fhathast gun a fuasgladh air dhòigh riarachail. Ri linn Mhic-Mhuirich fhein bha cathan garbha air an cur mu ’n cheist so, agus riamh uaithe sin gu ruige ’n latha ’n diugh tha na cathan sin air an ùrachadh o àm gu àm ’s air an cur a rithist. Aig an dearbh àm so, tha deasboireachd nach beag a dol air adhart anns a’ Ghàidhealtachd, agus mar is àbhaist tha ’n darra taobh uile-chinnteach nach eil anns an leabhar ach bàrdachd Oisein, agus an taobh eile a cheart cho cinnteach nach robh leithid Oisein riamh air thalamh. Bu mhath leinn a bhi ’n dòchas gu ’n rachadh aig muinntir aon taoibh no ’n taoibh eile am puing a dhearbhadh. Tha na Gaidheil a chuala bheag no mhor de dh’ eachdraidh ’s de bheul-aithris an sinnsir, eòlach o’n ceud chuimhne air ainmean ’s air euchdan flaithean na Féinne, d’ am bu righ Fionn ’s d’ am bu bhàrd Oisean. Agus bu mhiann leotha fios cinnteach fhaotainn am bheil no nach eil e dleasdanach dhaibh a bhi creidsinn gu robh na curaidhean sin ann, agus gu ’n d’ rinneadh dàin Oisean le Oisean fein. Tha a mhor chuid dhiubh gus an latha ’n diugh a’ creidsinn gu robh an Fhéinn ann uair no uair-eigin; agus bha iad am barail gum bu dàin le Oisean a mhor-chuid de leabhar Mhic-Mhuirich, agus nach d’ rinn an t-uasal sin ach an cothlamadh ’s an cur am mach ann an riochd ùr. Ach tha daoin’ ann an diugh a ghabhas orra féin a radh nach robh ann am flaithean na Féinne ach cruthan taitneach a bha na seanachaidhean Gaidhealach a’ faicinn le suil na h-inntinn, agus nach eil ann an dàin Oisein ach saothair Mhic-Mhuirich o thoiseach gu deireadh. Cha ’n eil fhios nach ann aca so a tha ’n fhìrinn. Ach feumar aideachadh gu bheil daoine ’n latha ’n diugh tuilleadh us deas gu bhi tilgeadh bheachdan us eachdraidh nan linntean bun os cionn. Agus faodaidh e bhith nach eil anntasan a tha cho deònach Oisein ’s a chuid bàrdachd a chur gu neoni ach dlùth-chàirdean dhaibhsan a bha aig amannan eile ’feuchainn ri cur as do Homer, bàrd ainmeil na Gréige, agus a tha aig an àm so a’ toirt na h-ionnsuidh cheudna air Shakespeare, bard Shasuinn. Mi-run nan Gearmailteach. THA teaghlaichean rioghail Bhreatunn agus na Gearmailt gle chàirdeil ri chéile, mar bu chòir do dhlùth chàirdean a bhith. Ach aig an àm so cha ’n urrainnear sin a radh mu shluagh na dùthchannan sin, no eadhon nach eil iad a nochdadh fior naimhdeas. ’S e is priomh aobhar do ’n chùis a bhi mar sin, a’ bhàigh a tha a mhor chuid dhe na Gearmailtich a’ nochdadh ris na Boerich riamh o’n thòisich an cogadh, agus gu h-àraid o chionn ràidhe no dha air ais. Bha naigheachdan meallta air an cuairteachadh anns an dùthaich, ag innse, anns a cheud dol a mach, mu shoirbheachadh nam Boereach, agus nuair nach robh sin aca ri innse, mu ’n ana-ceartas a bha na Breatunnaich, na ’m b’ fhior, a toirt dhaibhsan a bha iad a’ glacadh mar phrìosanaich. Thug so air cuid de na Breatunnaich cur an cuimhne nan Gearmailteach mar a bha an t-arm Pruiseanach a déiligeadh ri ’n cuid phrìosanach an uair a bha iad a’ cogadh ris na Frangaich—na bu bhrùideile ’s na b’ an-iochdmhoire na chualas riamh a bhi cur as leth an airm Bhreatunnaich. Am measg na feadhnach a thilg so air na Gearmailtich bha Eoseph Chamberlain, agus chuir esan a labhairt an caothach dearg orra. Chunnaic eadhon ceann an riaghlaidh, Von Buelow, iomchuidh Chamberlain a fhreagairt an là roimhe le òraid a labhairt anns an Reichstag (pàrlamaid) a chuir corruich mhor air muinntir nan eileanan Breatunnach, agus a ghluais Chamberlain gu òraid sgaiteach eile dheanamh. Ma tha coire sam bith ri fhaotainn do na Breatunnaich a thaobh an dòigh chogaidh ann an Africa mu dheas, ’s e gu bheil iad ro aotrom air na Boerich, agus gu bheil iad a toirt barrachd ceartais a thaobh bidh us gach goireis eile do na Boerich a tha air an glacadh mar phrìosanaich na tha iad a toirt d’ an cuid saighdearan fein. Tha e mar sin gle chruaidh leotha bhi air an coireachadh ’s air an càineadh air son ghniomharan de nach eil iad ciontach, agus is beag an t-ioghnadh ged a lasadh iad suas le feirg an aghaidh na feadhnach a tha deanamh sin le dichioll a b’ airidh air aobhar a b’ fhearr. Mar tha aon de phaipeirean Lunnainn ag radh, faodaidh gu ’n tig la air a Ghearmailt a bhios i gle mhiadhail air càirdeas agus cuideachadh Bhreatuinn, agus nach bi iad ri ’m faotainn. Cha ’n eil gràdh cho mor aig dùthchannan tir-mor na h-Eòrpa do ’n Ghearmailt ’s nach gabh iad an ceud chothrom a gheibh iad air a neart a lughdachadh, agus ma ’s urrainn daibh, buille-bàis a thoirt dhi. Is gòrach a chùis dhi, mata, a bhi deanamh nàmhaid dhe ’n aon dùthaich a tha deònach a bhi càirdeil rithe. Naigheachdan Firinneach. ANN an sealladh moran dhaoine ’s an àm so, cha ’n eil math no feum sam bith ann am pàipear-naigheachd ma tha e beag. Cha ’n eil e ceart mur eil e, nuair theid a sgaoileadh a mach, uiread ri cuibhrig-bùird no brat-leapa, agus cha ’n fhaigh e cliù mar phaipeir anns am bi “na naigheachdan uile” mur bi gach taobh duilleig air a bhreacadh le litrichean mora, dubha, a bheir a fhradharc o neach a dh’ fheuchas ri ’n leughadh. Is miann leis an duine deagh luach fhaotainn air son a chuid airgeid, agus cha b’ olc an luach airgeid na seòrsa phaipeirean so mur b’e aon ni, ’s e sin, nach eil facal fìrinn ann am moran dhe ’n cuid naigheachdan. Ma chreidear an seanfhacal, “Is math an naigheachd a bhi gun naigheachd”; ach cha ’n eil e comasach do luchd nam paipeirean mora imeachd a réir an teagaisg sin. Is fheudar na paipeirean a lionadh na h-uile latha ’s seachdain a thig iad a mach, agus ma bhios na naigheachdan gann, mar is tric a thachras, feumar naigheachdan a dheanamh. Seadh, a dheanamh. Tha moran de na fiosan a tha air an cur dh’ ionnsuidh nam paipeirean anns na bliadhnaichean so air an deanamh, a dhlùth ’s a dh’ uachdar, ann am baile-mor New York, agus cha ’n eil againne a bhios ga ’n leughadh ach feuchainn ris an fhìrinn a dhìolum á measg nam breug mar is fhearr a dh’ fhaodas sinn. Fad an t-samhraidh ’s an fhoghair s’a chaidh, bha fios an deigh fios a tighinn ag innse gu robh Righ Iomhar a’ fulang gu mor le tinneas cràiteach, agus gu robh a làithean, a réir coltais, air an àireamh. Thatar mar an ceudna, o àm gu àm, a faotainn fhiosan as an Ròimh, ma ’s fìor, gu bheil am Pàp air fàs cho lag ’s cho fann leis an aois ’s nach eil dùil ri e bhi fada beò. Bha Banrigh na h-Olaint, a réir sgeul a thainig air a mhios a dh’ fhalbh, air fhaighinn a mach nach robh anns an fhear a phòs i ach duine mi-bheusach, mi-mhodhail, trom air an òl ’s air cluich air son airgeid, agus gu robh i an impis dealachadh ris. Cha robh anns gach sgeul dhiubh sin ach breugan o thoiseach gu deireadh, ach bha iad air an craobh-sgaoileadh o Dhan gu Beer-seba a chionn cuid de na paipeirean a bhi cho farsuinn ’s nach fhaigheadh iad de naigheachdan fìrinneach na lionadh iad. Faodaidh coire bhi air paipeir a’s miosa na a bhi beag. Is fhearr beagan de naigheachdan fìrinneach na a bhi fad latha leughadh naigheachdan air nach do chuir an fhìrinn fhathast eòlas. [TD 165] [Vol. 10. No. 22. p. 5] Naigheachdan. FEAR-CEARTAIS AOSDA—Am measg nam feadhnach a thug mionnan a bhi dileas do Righ Iomhar an deigh dha tighinn dh’ ionnsuidh a chrùin, tha seann fhear-ceartais ann an Gloucester, N. B., d’ an ainm Ioseph Sewall, a bha ceud us aon bhliadhna dh’aois. Rugadh e ann am mios April, 1800. An àm a bhi toirt mionnan a dhilseachd, cha robh uiread us speuclair air, agus chaidh aige air ’ainm a sgriobhadh gu gasda. BAS CIANAIL—Thainig bàs cianal air fear Domhnull Mac-Eachairn faisg air Antigonish, N. S., oidhche Di-sathairne, an ceathramh latha dhe’n mhios. Bha e ’g ol gu trom anns a bhaile gu anmoch san oidhche, nuair a dh’ fhalbh e gu dhol dhachaidh comhla ri ’bhrathair ’s ri companach eile. Maduinn Di-donaich fhuaireadh a chorp taobh an rathaid astar beag a mach as a bhaile, ’s e air reothadh anns an t-sneachda. Bha e da fhichead us coig bliadhna dh’ aois. TEINTEAN—Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh bha tigh ùr le Kelly & Dodge, air Union St., air a losgadh. B’ fhiach e da mhìle dolair. Ann an Louisburg, oidhche Di-mairt s’a chaidh, bha Talla Mhitchell air a losgadh, a b’ fhiach tri mile dolair. Air taobh deas Bhoulardarie bha an tigh ùr aig Ruairidh R. Mac Coinnich, a b’ fhiach da mhile dolair, air a losgadh air an t-seachdain s’a chaidh. Agus Di-luain s’a chaidh chailleadh an stor aig Niall Mac Neill, am Baoghasdal, air an dòigh cheudna. SGIORRADH GRANDA—Air an latha mu dheireadh de Desember, bha fear Mac-Neill a mhuinntir Chreiginis, an siorrachd Inbhirnis, air a mharbhadh aig Grandance, far an robh e ’g obair air an rathad-iaruinn. Bha e ag aiteamh dynamite, agus air do shradaig as an teine laidhe air an stuth sin spraidh e, agus bha esan air a thilgeil fichead troigh air falbh ’s air a reubadh gu dona leis. Cha mhor nach deach an da shùil a chur as, bha a lamhan ’sa chasan air an losgadh gu h eagalach, agus bha te dhe ’chasan air a bristeadh. Dh’fhag e bean agus teaghlach. AN CORP AIR FHAOTAINN—Fhuaireadh corp Uilleim A. Mhic-Coinnich air an darra latha dhe ’n mhios anns an àite anns an robhas am barail a chaidh a bhàthadh—anns an amar uisge a tha eadar Glace Bay ugus a dhachadh ann am Meinn Chaledonia. Fhuaireadh e le dithis ghillean a bha mach a’ sceiteadh. Bhuail am pathadh fear dhiubh, agus rinn e toll anns an deigh air son deoch fhaotainn. Air dha sin a dheanamh chunnaic e ’n corp an grunnd an uisge. Thug na gillean air ball fios, agus chaidh an corp a thogail. Bha e air a thiodhlachadh feasgar an ath latha. DUIN’ AIR FHAOTAINN MARBH—Maduinn Di-haoine, an treas latha dhe ’n mhios, fhuaireadh fear Walter Briggs marbh aig dorus fùirneis aig an obair-iaruinn. Bha e air a mhùchadh le gas a bha faotainn a mach troimh àite bha ao-dionach. Cha robh duine timchioll aig an àm, agus thatar a deanamh mach gu robh e marbh ceithir no coig uairean mu ’n do thachair duine ’n rathad a bha e. Bha e mhuinntir New York, agus cha robh ann ach duin’ òg. Cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n thill e as a’ Ghearmailt, far an deach a chur leis a chuideachd a dh’ amharc nan obraichean-iaruinn anns an dùthaich sin, agus a dh’fhasdadh dhaoine sgileil air son na h-obrach ann an Sidni. GLACE BAY AN T-AITE—Tha Marconi an deigh roghainn a dheanamh de Table Head, an Glace Bay, mar an t-àite anns an cuir e air bonn togalach air son a bhi cur fhiosan-dealain thar a chuain air an dòigh ùir a fhuair e-fhein a mach. Cosgaidh an togalach agus na h-innealan a bhios ann mu cheud mile dolair. Bithear a tòiseachadh air a chur suas an ùine ghoirid. Tha Marconi air a dhol a null do Shasuinn, ach bidh e air ais an so an ceann mios. Tha làn dhuil aige bhi comasach air fiosan a chur air ais ’s air adhart do ’n t-seann dùthaich mu’n tig crioch air a bhliadhna so. Ma theid leis a reir a dhòchais, bidh cosguis fhiosan eadar America ’s an Roinn-Eorpa air a lughdachadh gu mor, agus cha’n eil fhios nach feum cuideachdan nan càbull an ceann ùine sgur a deanamh gnothaich. Ach cha ’n urrainn fhios a bhith cho tràth so co-dhiu shoirbhicheas leis no nach soirbhich. Tha moran ann aig am bheil deagh dhòchas a thaobh an innleachd, agus moran eile aig nach eil. Gheibhear a mach ri ùine co tha ’sa bharail cheart. AN AMHACH GHOIRT—Tha an tinneas bàsmhor so gle phailt an caochladh chearnan dhe ’n dùthaich aig an àm so. Chaochail dithis nighean le Calum Mac-Aonghais, ann an Amaguades, leatha o chionn ghoirid. Bha an t-athair a tiodhlacadh na nighinn a b’oige ann an Eilean Christmas, agus mu’n d’ rainig e dhachaidh, fhuair e fios air bàs na h-ighinn eile. AM BARR UBHLAN—Bha na h-ùbhlan gle phailt ann an ceann an iar Nobha Scotia air an fhoghar s’a chaidh, agus ged a bha a chuid bu mhotha dhiubh air an creic anns an dùthaich so féin agus ann am Breatunn, tha neart mor gun a dhol gu margadh fhathast. Thatar a meas gu bheil mu shia fichead mile baraillte gun chur air falbh á Gleann Annapolis. MANITOBA SOIRBHEACHAIL—A bharrachd air bàrr math cruithneachd a bhi aca air an fhoghar a dh’ fhalbh, bha tuathanaich Mhanitoba soirbheachail ann an dòigheannan eile. Reic iad an uiridh seachd fichead us da mhile (142,000) each, da cheud ’s tri fichead us tri mile (263,000) ceann cruidh, faisg air ceud mile muc, agus mu ’n àireamh cheudna de chaoraich. BAS SHEUMAIS CHALLDANAICH—Air an fhicheadamh latha de mhios Desember, aig a dhachaidh ’sa Bheighe ’n Iar, chaochail Seumas Calldanach, duine cliùiteach air an robh eòlas agus meas anns a mhor chuid de shiorrachd Inbhirnis. Cha robh e tinn ach uine ghoirid, agus chuir a bhàs mulad air na h-uile anns na sgireachdan anns an robh eolas air. Bu bhràthair e do’n Urr. Iain Calldanach, ministeir na h-eaglais Chleirich ann an St. Peter’s. Bha e air deagh aois a ruigheachd, agus dh’ fhag e bantrach us aon mhac ’na dheigh. BRISTEADH-LAGHA ANN AN SIDNI—Air a bhliadhna ’n uiridh, bha aona ceud deug tri fichead us sia deug (1,176) air an glacadh anns a bhaile so air son bristeadh an lagha no riaghailtean a bhaile. Bha seachd ceud ’s leth cheud ’sa dha (752) dhiubh sin air an glacadh air son a bhi air an daoraich, agus bha mu dha ceud gu leth eile air an glacadh air son coireannan a tha am bitheantas a leantuinn no air an aobharachadh leis an daoraich, mar a tha sabaid, troimhe-cheile, agus droch cainnt us mi-mhodh air na sràidean. Faodar mar sin a radh le firinn gu robh mu mhile glacadh air a dheanamh re na bliadhna air sailleabh an òil. Bha tri deug air fhichead air an glacadh air son meairle, agus mu sheachd fichead air son choireannan eile, chuid dhiubh mor, agus cuid dhiubh beag. COMHAIRLE NA SIORRACHD—Tha Comhairle na siorrachd cruinn air an t-seachdain so. ’S e so an ceud suidhe an deigh an taghaidh, agus bha H. C. V. Le Vatte air ath-thaghadh mar Warden, agus Alasdair Domhnullach mar Iar-Warden. Tha àireamh de ghnothuichean cudthromach ri bhi air a thoirt fa chomhair na Comhairle air an turus so; am measg nithean eile, feuchair ri barrachd de chosguis na siorrachd a chur air na bailtean, oir tha luchd na Comhairle dhe ’n bharail nach eil na bailtean a giùlan uiread ’s bu chòir dhaibh dhe ’n uallach. ’S i so an uair mu dheireadh a shuidheas a chomhairle anns an t-seann talla. Bidh an tigh-cùrtach ùr, anns am bheil seòmar briagha do ’n Chomhairle, air a chriochnachadh romh ’n choinneamh bhios aca toiseach an t-samhraidh. BAS AN ONORAICH MR DOBELL—Bha an t-onorach R. R. Dobell, ball dh’ Ard-Riaghladh Chanada, air a mharbhadh ann an Folkestone, an Sasuinn, Di-sathuirne s’a chaidh. Bha e-fein us duin’-uasal eile muigh a marcachd, nuair a ghabh a’n t-each aigesan sgaoim, ga tilgeadh as an diolaid. Bhuail a cheann fhodha, agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean. Rugadh Mr Dobell ann an Liverpool, an Sasuinn, anns a bhliadhna 1837. Thainig e do’n dùthaich so nuair a bha e fichead bliadhna dh’ aois, agus shuidhich e ann an Cuebec, far an robh e a chuid bu mhotha dhe ’n ùine uaithe sin ri ceannachd. Chaidh a thaghadh mar fhear-pàrlamaid ’sa bhliadhna 1896, agus nuair a chuireadh Sir Wilfrid Laurier an dreuchd mar Phriomh Mhinisteir, ghabh e esan mar bhall de’n Riaghladh. Bha e posda ri nighean do Shir Dhaibhidh Mac-a-Phearsain, an Toronto. Tha am mac is sine aige na oifigeach an arm. Cha robh Mr Dobell o chionn treis a dh’ uine air ais a’ faotainn a shlainte, agus b’e sin a b’aobhar dha bhi ann an Sasuinn aig an àm. Briathran Gliocais. Cha ’n eil sinn aig àm air bith cho sona no cho mi-shona ’sa shaoileas sinn fein. Bheir sinn gealladh a réir ar dòchais, agus coilionaidh sinn a réir ar n-eagail. Cha ’n eil ni bu chòir ar féin-speis a lughdachadh cho mor ri bhi ’gar faicinn féin aig aon àm a di-moladh ni a bha sinn aig àm eile a moladh. Tha ar neart na ’s motha na ar toil; agus gu minig ’s ann a chum ar leisgeul fein a ghabhail a smaoinicheas sinn gu bheil nithean do-dheanta. Bheir an fheallsanachd buaidh shoirbh air na trioblaidean a chaidh seachad ’s air na trioblaidean a tha ri tighinn; ach bheir na trioblaidean a tha làthair buaidh air an fheallsanachd. Tha esan a smaoinicheas gu ’n dean e as aonais an t-saoghail ga ’mhealladh féin; ach tha esan a smaoinicheas nach dean an saoghal as aonais ’ga mhealladh féin ann an tomhas moran na ’s motha. Tha barrachd dhe ’n uaill ’s a tha dhe ’n mhathas anns na comhairlean a bheir sinn orrasan a ni coire; agus ni sinn gu tric an cronachadh, cha ’n ann a chum an cur ceart, ach a chum toirt orra chreidsinn gu bheil sinn fein saor o na coireannan sin.—La Rochefoucauld. Am Feillire, 1902. Tha an leabhran beag Gàilig so a’ tighinn ugainn á Sasunn. Gheibhear ann cunntas air eiridh us laidhe na gréine, mùthadh an t-soluis, agus gach fiosrachadh dha ’n t-seòrsa sin is àbhaist a bhi air a thoirt seachad na leithid. Gheibhear mar an ceudna gearr iomradh air Sloinnidhean Gàidhealach, agus a bharrachd air sin tha cìsean us postachd nan Eileanan Breatunnach agus caochladh nithean eile air an cur sios. Tha àireamh mhath de dhuilleagan air am fàgail bàn, oir tha am beachd an fhir a tha ga chur a mach gum bi an leabhar air uisneachadh mar leabhar pòca. Tha sinn a toirt fa-near gu bheil an clò gu math na ’s fhearr na bha air Feillire na bliadhna ’n uiridh. Tha am Feillire air a chlo-bhualadh leis an ùghdar, Eoghan Domhnullach, ann an Ardmor, Lyminge, Kent, England. Tha e air a reic ann an cuibhrig paipeir air 3½d., agus ann an cuibhrig aodaich air 7½d. Cha Robh Fhios Ciamar. Chaidh Eirionnach a bh’ ann uair a dh’ ionnsachadh reultaireachd. An deigh dha tòiseachadh, bha aon ni mu ’n eòlas a bha air a thoirt seachad anns na leabhraichean a cur dragh mor air inntinn. Bha e ’g ràdh gu ’n robh e tuigsinn math gu leor gu ’n robh e ’n comas dhaoine thomhas an t astar a bha na rionnagan o’n talamh agus o chàch a chéile; chreideadh e, na ’m b’ fheudar, gu ’m gabhadh iad tomhas a thaobh meud us cudthrom, agus eadhon gu ’m faodte fhaighinn a mach, air dhòigh nach b’ aithne dhàsan, ciod an stuth dhe ’n robh iad air an deanamh; ach cha robh fhios aig air an t-saoghal mhor ciamar a fhuaireadh a mach an ainmeannan. Sar Luchd-riaghlaidh. So mar a tha aon de phaipearan Ontario a labhairt mu na fir a tha sireadh taghaidh mar bhuill Comhairle baile Hamilton. Tha sinn an dòchas nach eil moran bhailtean eile ann an Canada anns am biodh na briathran ceudna fior. “Tha da fhichead ’s a coig air an ainmeachadh air son comhairle na bliadhna ’tha romhainn. Tha cuid dhiubh sin làn airidh air an taghadh. Tha cuid eile bu chòir fhàgail aig an taighean fein; agus tha grunnan beag dhiubh bu chòir a bhi anns a phrìosan.” [TD 166] [Vol. 10. No. 22. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 163). “Nior labhras,” arsa Mártan. “Ni leigeann an sgannradh dham ceist do chur air.” “Anois,” arsa Micheál, “caithfidh tù gan an teach ’fhágáil ar shiubhal oidhche feasda. Racha mise in d’ àit (theid mise ’nad àite) agus mo bhriathar dhuit nach mbainridh sé leat nios mó.” D’ imthigh Micheál leis chum na ceardchan, agus chuir sé ’fhiacha ar an ngobhainn dha bhior ghéara do dhéanamh dhó, a raibh troigh ar fad ionnta, ’s cheangail sé ar dhá sháil a bhrog iad, mar bhéadh dha spor, ’s chuaidh sé a-bhaile. Ag teacht na hoidhche, chuaidh sé amach go bun na cruaiche, i n-áit Mhártain, acht má chuaidh, nìor b’ fhada go dtáinig an pùca faoi, ’s gur thóig sé i n-áirde leis é. Ar dtùs bhi a chroidhe ma bhéal ag an duine bochd, acht ghlac se a mhisneach, thar éis cuimniughadh ar Mhártain, is sháith sé an dá bhior go ceann in dá thaobh an phùca, gur bhain sé cnead as (thug e ràn as). “Ha!” ars sé. “Cá bhfuair tù na deilgni broid?” “Nach cuma dhuit,” arsa Micheál; “ach treabh leat!” ag tabhairt an dara sháthadh dhó. “Leag dhìot na deilgnì broid,” ar seisean arìs. “Ná bi ag cainnt, acht treabh leat!” dubhairt Micheál, ag tabhairt na mbior dhó arìs. D’ éirigh an pùca leis sin, agus é ag cuir na dtinntreach as a bhéal, ’s nuair do dhearc Micheál sìos faoi, ba os cìonn Locha Uì Chadhra do bhiodar. “Inns dam, a mharcaigh, cad deir na sean-mhná aga gcaisreacan (’gan coisreachadh) féin ag dùl a luighe?” “Nach cuma dhuit, ach treabh leat!” arsa Micheál. Bhi a fhios ag an bpùca, dá n-abradh Micheál aon fhocal amháin urnaighe, go n-éalóchadh sé féin uaidh mar ghail (oiteag) ghaoithe, ’s go mbaithfidhe an marcach ins an loch, acht bhi Micheál leath chomh crìonna leis féin. Faoi dheireadh, b’ éigean do ’n phùca tùirlint do dhéanamh, ’s d’ fhág sé Micheáal ’na sheasamh ag bun na cruaiche, agus d’ imthigh leis ’na lasracha teineadh, ’s nì fhacas choidhche arìs e. Thug Micheál féar do na ba, is chuaidh sé isteach. D’ fhiafruigh a mháthair dhe cá raibh sé chomh fada sin. “Bhios (bha mi) ag déanamh marcaigheacht bige,” ar sé, “acht is dóich leam nach mbéidh sé le déanamh nìos mò.” Dhearcadar ar a bhrógaibh, is bhì siad féin is na spuir faluighthe (folaichte) le lathaigh dhuibh ’s le mùnlac (uisge-otraich) i n-áit fola. As sin amach, fuair an dearbhrathair eile biseach (chaidh e am feobhas) agus nìor bhfhada go raibh sé chomh maith ’na shláinte is bhi sé riamh. Anns na sgeulachdan Arabach, gheibhear iomradh air duine a chaidh air bòrd bàta gus dol do a dhùthaich fhéin. Bha mar fhiachaibh air gun luaidh air ainm Dhé. An deigh da deich laithean a thoirt air a’ mhuir thàinig e an àite fradharc fonn a shiantan dùthchasach. Rinn e dearmad air rabhadh. Thug e buidheachas do Dhia os àrd, agus chaidh am bàta fodha eadar luchd-fuireann, raimh agus uile, agus dh’ fhàgadh esan ’san t-snamh eadar da lionn. Litir a Ceap Nor. A MHIC-TALLA RUNAICH:—Tha mi fhìn agus tu fhein mu ’n aon aois. Air son an aobhair sin agus aobhar no dha eile tha toil agam litir ghoirid a sgriobhadh a d’ ionnsuidh. Cha ruig mi leas innseadh nach mi fhìn a tha ’ga sgriobhadh; ach ged nach mi, cha ’n fhaod ni a dhol innte ach na ’s àill leam. Cha chuir thu brosgul as mo leth ’nuair tha mi ag radh gur fìor thoigh leam thu. Tha aon duine còir air taobh eile a chuain a tha cuimhneach air a bhi sgriobhadh a d’ ionnsuidh, agus ged bhithinn-sa a cluich air feadh an taighe, no a m’ shineadh air an lounge, cha luaithe chluinneas mi m’ athair no mo mhàthair ag radh gu bheil litir o Iain annad, na tha mi ’dol le cabhaig gu a faicinn, agus a cluinntinn air a leughadh. Feumaidh mi nis innseadh dhut mu thimchioll cruinneachadh a bha againn ’s an taigh-sgoile air oidhche na Bliadhn’ Uire, ris an can iad ’s a Bheurla entertainment. B’ i Edith Chamaran, á Merigomish, agus a tha air a bhi teagasg na sgoile so o chionn naoi miosan, a chur an gnothuch air chois. Ged bha ’n oidhche stoirmeil, chruinnich barrachd sluaigh, sean agus òg, na ghabhadh an taigh le comhfhurtachd, agus am ministeir againn féin, an t-Urramach Iain D. Mac Phàrlain, comhla ruinn. Bha sinn cruinn mu cheithir uairean a thìm, agus chaidh sinn troimh gach ni a bha sinn air ionnsachadh, ann an dòigh a thug làn riarachadh do na bha ’làthair. Bha bhan-Chamaranach earrann dhe ’n ùine aig an organ, agus sheas i a h-àite an sin a cheart cho math ’sa sheas i ann a bhi ’gabhail a h-àite mar mhnaoi Rob Mhic-a-Phearsain, ’s iad le ’chéile fo chaochladh ainmean. ’Nuair bha na cùirteinean air am fosgladh o cheile, de bha fa chomhair an t-sluaigh ach Rob còir os ceann tuba nigheadaireachd, agus smùid aige araon air nigheadh agus air gearain air a shuidheachadh truagh o theann a’ bhean ri bhi liubhairt òraidean a chum an rathad a réiteachadh dhi féin gu Congress. Cha robh Rob fada nigheadh ’nuair thainig a bhean a stigh far an robh e, ’s i ’toirt teann-òrdugh dha mu ’n obair, agus ag àithne dha gun e bhi ’fliuchadh an urlair mar bha e deanamh. An deigh dhaibh a bhi greiseag a deasboireachd, agus Rob bochd cho cabhagach a nigheadh ’s gur gann a bha e togail a chinn, thuirt ise gu ’n robh i nise falbh, agus dh’ éigh Rob as a déigh, “Tha mi ’n dòchas [?] tig an là a thilleas tu.” Bhuanaich e ’n sin an gearain air a staid thruagh, gus an d’ thainig Coimhearsnach dha a stigh a bha air an aon diol ris fhein. Bha am fear sin air son gu ’n teicheadh iad le chéile gu dùthaich chéin air choireigin; ach o nach robh airgiod aig Rob a bheireadh air falbh e, chuir e roimhe nach nigheadh e ribeag ach na nigh. Mar sin, an deigh dha luideag no dha a bha ’san tuba fhàsgadh gu teann, agus beagan chuairtean a chuir dhiubh os cionn a chinn, aig an àm cheudna ag glaodhaich, “Hurrah for the red, white and blue,” tharruing e iad le stràc a dh’ ionnsuidh an ùrlair, agus thug e breab do ’n tuba a chur a mas os a ceann. Aig an dearbh àm co thàinig a stigh ach a bhean, ’s i air tilleadh o’n òraid, nach deachaidh leatha gu ro mhath, ’s dh’ fheoraich i d’a fear ciod bu chiall do ’n ùrlar fhliuch, agus gach ni eile bha cearr. Sheas Rob e féin gu duineil, agus a dheanamh naigheachd fhada goirid, chord iad an lathair an t-sluaigh air a bhi beò an deigh sin mar fhear agus mnaoi a bhiodh dleasdanach d’a chéile. Bha iomadh sealladh taitneach eile ri ’m faicinn an oidhch’ ud a chuir an sluagh gu léir air mhire, ach cha ’n ’eil math dhomh tigh’n thairis ach air aon dhiubh ris an canadh iad “Grandmother’s drill.” Bha leth-dusan caileag bheag air an sgeadachadh mar sheana mhnathan, le ’n cuid churraichdean geala mu ’n cinn, speuclairean air an sùilean, &c. Bha coltas bocsa snaoisean aig gach té, agus bha iad uile crùbach leis an t-siataig. Eadar sanais, sreathartaich, agus gach ni bh’ ann, ’s beag nach do sgaoil an luchd-amhairc as a chéile le gàireachdaich. An deigh do na seallaidhean éibhinn ud a bhi uile thairis, chuireadh an comhairliche Donnachadh Domhnullach a reic bhocsaichean de bhiadh blasda a dh’ iomadh gne deasachaidh, agus thug e fèin iomadh gàire mach mu ’n d’ fhuair e cuibhteas iad. Leis na fhuaras a dh’ airgiod orra sin, maille ris na chruinnicheadh aig an dorus, tha da fhichead dollar agus aon air a ghleidheadh fa chomhair taigh-sgoile ùr a thogail, ge b’e uair a chuireas an sluagh mu dheighinn. Is mi do charaid an là chi ’s nach fhaic, CALUM BEAG. Ceap Nor, Ian. 4, 1902. Facail mu “Mhac-Talla.” MHIC-TALLA, ’CHARAID:—Gheibh thu anns an litir so dolair air son na bliadhna so. Bu mhath an luach dolair an òraid ghasda bha ann an ceud àireamh na bliadhna so, “An Fhéinn air a h-uilinn.” Ge b’e co “D. M‘K.” is e brod an sgriobhadair a th’ ann, agus bu chòir dhut feuchainn ri tuilleadh sgriobhaidhean fhaotainn uaithe air son an cur ’sa phaipeir. Do charaid dileas, Bruach an t-Seilich, ALASDAIR CAIMBEUL. Strathlathuirn, C. B. Tha e na thoil-inntinn mhor dhomh a bhi faicinn ’sa leughadh MHIC-TALLA. Tha mi creidsinn gu bheil e na chumhachd a chum feuma ’na latha ’s na linn féin. Le mor spéis is deagh dhùrachd, is mi a ghnàth do charaid. R. CARR-HARRIS. Kingston, Ont. Tha mi cur ugaibh dolair airson ’ur pàipear. Tha mi duilich nach ’eil e taghal oirnn cho tric ’sa b’ abhaist dha, ach bidh sinn an duil ri fhaicinn a cheart cho tric ’n ùine gun bhi fada. Tha mi feitheamh ri sgeul eile bho ùghdar “Aonghas Donn Ghlinn Fraoich,” oir thaitinn i rium gle mhath. Dé ’s coireach nach ’eil sinn a cluinntinn bho “Chona,” a b’ àbhaist a bhi cho fileanta air sgriobhadh Gàilig? Is mi ’ur caraid, COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS. L’Ardoise, C. B. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha mi aig an àm so cur ugaibh paigheadh a’ MHAC-TALLA. Tha mi duilich gu ’n d’ rinn mi dàil cho fada gun a phaigheadh, agus ma ’s e ’ur toil e leanaibh air a phaipear a chur ugam mar a b’ àbhaist. Agus tha mi cur ugaibh tri ainmean ùra air son am paipear a chur uca air a bhliadhna so. Tha mi ’cur an airgiod aca comhladh anns an litir so; agus na ’n cuireadh sibh g’ an ionnsuidh am paipear mu dheireadh bhithinn na ’r comain, a chionn bu mhath leotha tòiseachadh leis a’ bhliadhn’ ùir. Tha mi an dòchas gu ’n ruig mo litir sibh an deagh àm, agus gun gabh sibh mo leithsgeul air son an dàil a rinn mi. Ged a tha mi ann am Boston cha do dhichuimhnich mi a Ghàilig fhathast. A guidhe Bliadhna Mhath Ur dha ’n MHAC-TALLA ’s dha leughadairean. ANNA B. NIC LEOID. Boston, Mass. Airneis Taighe Dhe Gach Seorsa. Gheibh thu anns an stor againne na riaraicheas tu. Tha stoc mor againn air ur cheannach dhe gach seors’ airneis, moran dhiubh a bhios gle fhreagarrach mar ghibhtean. Gheibh thu luach mor air pris bhig. Gordon & Keith, Sidni, C. B. A. T. GRANT, Mgr. [TD 167] [Vol. 10. No. 22. p. 7] Iadsan a Phaigh. I. S. Mac Gillfhaollain, Dun-Uilleim, Alba. U. A. Mac Gillfhinnein, Somerville, Mass. Ceit Nic Citheagain, Boston, Mass. Ceit M. Nic Leoid, Boston, Mass. Murchadh D. Mac Neacail, Graniteville, Vt. Bean Roib Monilaws, Two Harbors, Minn. Domhull Mac-an-t-Saoir, Greenleaf, Mich. Iain Mac Gillfhaollain, Gagetown, Mich. Domhnull Mac Gille-mhaoil, Fernie, B. C. Domhnull Mac Cuthaig, Abbotsford, B. C. Gilleasbuig Camaran, Victoria, B. C. A. M. Domhnullach, Vancouver, B. C. Ailean Domhnullach, Hastings, B. C. Aonghas Caimbeul, Whitewood, Assa. Murchadh MacGillfhinnein Loch Aills, Ont. Iain Domhnullach, Park Hill, Ont. Tigh nan Islean, Ottawa, Ont. Domhnull Mac Leoid, Southampton, Ont. An t-Easbuig Donullach, Alexandria, Ont. An t-Oilear R. Carr-Harris, Kingston, Ont. D. Mac Aonghais, McIntyre’s P. O., Ont. Bean Iain Mhic-a-Bhiocair, Teeswater, Ont. C. Nic-na-h-Innse, Fingal, Ont. Tormad Mac Leoid, Steornabhagh, Que. Tormad Moireastan, Peveril, Que. M. D. Domhnullach, Marsboro, Que. Iain G. Domhnullach, St. George’s, E. P. I. Martuinn Martuinn, Martinvale, E. P. I. Alasdair Mac Leoid, Park Corner, E. P. I. Iain I. Mac Mhanain, Beinn ’Ic Mhanain. Iain A. Mac Gillebhràth, Dunmaglass, N. S. Iain I. Sutharla, Kerrowgare, N. S. Bean Iain Mherlin, Springhill, N. S. Domhnull Boyd, Fraser Mills, N. S. Adam Caimbeul, Scotsburn, N. S. Bean I. MhicFhionghain, Livingstones Cove D. I. Caimbeal, an Abhainn Mheadhonach. Alasdair Domhnullach, an Abhainn Mheadhonach. Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Sidni. Iain A. Domhnullach, Sidni. Ailean Mathanach, Sidni. Alasdair Mathanach, Sidni. Padruig S. Mac Neil, Sidni. Alasdair Bànach, Port Hawkesbury. Lachuinn Mac Gilleain, Orangedale. Aonghas Gillios, Orangedale. Iain Seathach, Grand River. Alasdair I. Mac Coinnich, Eilean Christmas An t-Urr. L. I. Mac-a-Phearsain, Baddeck. Niall A. Domhnullach, Ceap Nor. Coinneach Mac Leoid, Ceap Nor. Bean C. Mhic-an-Toisich, Malagawatch. Domhnull Moireastan, Ceap Nor. Eoghan C. Mac Aoidh Malagawatch. Lachuinn Mae Gilleain, Lexington. Bean I. D. Mhic Fhionghain, Scotsville. C. A. Mac Fhearghais, Iochdar L’Ardoise. Tearlach A. Mac Leoid, Framboise Tuath. Anna B. Nic Leoid, Framboise Tuath. Seumas Mac Leoid, Brook Village. Domhnull Mac Neacail, Cata one. Bean Aonghais Dhomhnullaich, Enon. Raonull Domhnullach, Rathad Cheamp. Eoseph I. Domhnullach, Meinn Lorway. Alasdair Caimbeul, Srath Lathuirn. Ailean Mac Gilleain, Oifis Mhic Cormaic. Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall. Iain Mac Leoid Sidni Tuath. I. S. Mac Leoid, Loch Lomond. Chuir cuid dhiubhsan nach robh roimhe so a’ deanamh an dleasdanais ri MAC-TALLA am pàigheadh a stigh o’n thug sinn rabhadh dhaibh ’san àireamh mu dheireadh. Tha sinn an dochas gu ’n dean càch uile sin mar an ceudna, agus nach bi againn ri aon ainm a thoirt bhar an leabhair. Cuimhnicheadh iadsan nach pàigh romh dheireadh a mhios so nach ruig MAC TALLA iad ach aon uair eile! Biodh fhios aca mar an ceudna, ged theid an ainmean a dhubhadh bhar an leabhair nach teid na fiachan a mhathadh dhaibh ach gu ’m bi sinn ag iarraidh an fheorlainn dheireannaich. Is e’n seasamh a’s mò, ach ’s e ’n suidhe’s ciallaiche. Is e ’n suidhe bochd a ni ’n garadh beairteach. Gleann-da-ruadhail a’ Bharraich. Air do ’n deise Ghàidhealaich aig Uilleam Mac Dhunléibhe, am bàrd’ Ileach, a bhi fàs lom, chuir nighean og, agus buidhean de dhaoin’-uaisle a mhuinntir Chòmhail, an comhairle r’a chéile, agus dh’ aontaich iad deise ùr Gàidhealach a thoirt do ’n bhàrd. Ann an éirig an deise, fhuair iad an t-oran a leanas o’n bhàrd. SEISD. Gleann-da-ruadhail a’ bharraich, Gleann an darraich ’s an fhraoich, Gleann a’ choilich ’s a’ bhradain, Gleann an rainich ’s nan craobh, Gleann nan doireachan uaine, Gleann nam fuaran nach traoigh, Tha lusan slàint’ air do chluaintean; Beannachd buan a’d dhà thaobh. A Chòmhail chorraich nan garbh shlios, Aig corsan ainmeil nan seol, Far am faicear an ràmhachd, ’S muir thar àirde nam bord; Bu tric a choisich mi ’n t-astar Air aonach fàsach nam bo, ’Tha eadar lùban Ard-ghartan A’s suidh Artuir Ghlinn-cro. Ach dh’ fhalbh na bliadhnachan thairis, ’S gun ach faileas ann diùbh, Cha ’n fhaicear sealgair air bearradh, ’S an crocach maiseach roimh ’n chù; Aig Cluaidh fhuaraidh na reota, A chuir fo leon mi ’s a’ chùil, Gus an d’ thàinig na Còmh’laich, Le sunnd na h-oige ’s e ùr. Thàinig maighdean a’ Ghlinne, Bho Ruadhail linneach nam bruach, Fhuair mi fàilte na h-oighe, Le duais a dh’ fhogair mo ghruaim, Culaidh chathach nan Gàidheal Réidh, gun dàil a cuir suas, ’S rinn mi siùd mar a b’ àbhaist Gun chuimhn’ air fàillinn no fuachd. Tha geal ’s dubh air do bhoidhche, Le sunnd na h-oig’ ort gun bheud, A’s sèimheachd maise do-nàduir A’ buan fhàs leat da réir, Eiridh tomhas as ùr dheth, Gach bliadhn’ a chrùnas do bheus, A’s ruigidh beannachd o’n bhàrd thu, Gus an teirig Gàidhlig ’na bheul. Bha Mac-Dubh ann o’n Ghàraidh, ’S cha ghràin anmoch a phor, A dh’ fhàs o fhreumhach Chloinn-Laomain, A ghleidh sibh daonnan ’n ar coir, Dhion sibh Oighre na h-Airde, Gun taing an àrfhaich nan spòl, Bha mùgaich Shasuinn ga ’n ruagadh, ’S bu bheag a fhuaradh dhiubh beo. Bha Mac Ille-bhàin Choir-an-t-sith ann, ’S cha toir dichuimhn’ e uainn, Far an cruinnich na bràithrean, Gheibh e fàilte mu ’n cuairt, Tha ’n t-àrdan crocach ’n a bhrataich, A’s tréine neart air a’ chruaich, Am bogha ruighinn g’a lùbadh, ’S earb ri stuic aig a luaths’. Mac-Gillios’ am fear boidheach, Le ainm sonruichte buan, Cha chuir ùin’ o bhi og e, ’S cha toir foirneart e uait, Cha ’n fholaich linntean gun cheann e, ’S cha bhi e fann ach a’ fàs, A’ sior sgaoileadh gun mhùthadh, Maireann ùr mar a tha. Thig a Dhùghlaich ’s bi t-àite ’S do dheoch-slàint’ air ceann bùird, ’S e t-fhear brataich is bàrd dhuit, Cha ’n ’eil ni ’s fearr leis na thu; Tha ’n ceangal aosda so là dir, A tha ga ’r tàladh gu dlùth, ’S leanaidh sinne mar chàch dhiubh, Air an àbhaist ga ’r cùl. Posadh. Ann an Sidni, air a cheathramh latha deug dhe ’n mhios so, leis an Urr. I. F. Forbes, Uisdean A. Mac-a-Phearsain, Port Morien, ri Beitidh Dhomhnullach, Loch Lomond. AN T-SIDE—Tha an t-side a’ fuireach anabarrach briagha dh’ an àm so dhe ’n bhliadhna. Thuit meall mor sneachda mu ’n Nollaig ’s mu ’n Bhliadhn’ Uir, ach cha do mhair e fada; agus ’se chuidhleadh an aon dòigh falbh a th’ anns a chuid a’s moth a dhe’n dùthaich fhathast. Bha reothadh cruaidh agus sneachda gu leor againn roimh ’n àm so an uiridh. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Uilleam K Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blàthachaidh thaighean a dheanamh 1e deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 168] [Vol. 10. No. 22. p. 8] A Ghlinn ud Shios. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN. A ghlinn ud shios, a ghlinn ud shios, Gur trom an diugh mo shùil, A’ dearcadh air do lagain àigh Mar b’ abhaist daibh o thùs. Tha do choilltean fathast dosrach, àrd, ’S gach sithein àillidh, uain’; A’s fuaim an lùb-uillt nuas o d’ fhrith’ ’N a shuain-cheol sith ’am chluais. Tha ’n spréidh ag ionaltradh air do mhàgh, Na caoraich air an raon; Tha ’churra ’g iasgach air do thràigh, ’S an fhaoileann air a’ chaol. Tha guth na cuthaig air do stùchd, An smùdan air do ghéig,— Os ceann do lon tha ’n uiseag ghrinn Ri ceileir binn ’s an speur. Tha suaimhneas anns gach luibh fo bhlàth, Bàigh air gach creig a’s cluain, A’ toirt ’am chuimhne mar a bha Na làithean ’thàrladh uainn. Fuaim do chaochain, fead na gaoith’, A’s luasgan àrd nan geug, ’G ath-nuadhachadh le comhradh tlàth Nan làithean àigh a thréig. Ach chi mi d’ fhàrdaich air dol sios ’N an làraich’, fhalamh, fhuar; Cha ’n fhaic fear-siubhail far an stùichd Na smùidean ’g éiridh suas. Do ghàradh fiadhaich ’fàs gun dreach, Gun neach g’ a chur air seol, Le fliogh a’s foghnain ann a’ fàs, ’S an fheanntag ’n àite ’n rois. O! c’ àit’ am bheil gach caraid gaoil ’Bu chaomh leam air do learg? A chuireadh fàilte orm a’ teachd, A’s beannachd leam a’ falbh. Tha ’chuid a’s mo dhiubh anns an ùir, ’S an t-iarmad fada bh’ uainn, Dh’ fhag mis’ am aonaran an so, ’N am choigreach nochdta, truagh. ’N am choigreach nochdta, truagh, gun taic’, ’S an acaid ann am chliabh,— ’N acaid chlaoidhteach sin nach caisg ’G am shlaid a chum mo chrich’. ’G am shlaid a chum mo chrich le bron, Ach thugam gloir do ’n Ti, Cha tug e dhomhsa ach mo choir— Ri ’ordugh bitheam striochdt’. Tha lochran dealrach, dait’ nan speur Air teurnadh sios do ’n chuan, A’s tonnan uain’ na b-airde ’n iar Ag iadhadh air mu ’n cuairt. Sgaoil an oidhch’ a cleoc’ mu ’n cuairt,— Cha chluinn mi fuaim ’s a’ ghleann; Ach an céardabhan, le siubhal fiar, Ri ceol a’s tiamhaidh srann. A ghlinn ud shios, a ghlinn ud shios,— A ghlinn a’s ciataich’ dreach, A’ tionndadh uait ’dhol thar do shliabh Mo bheannachd siorruidh leat! Muile nam Bagh. Rinneadh an t-oran so le Iain Mac Phaidein, an Glascho. Choisinn e duais aig Mod a Chomuinn Ghaidhealaich ’sa bhaile sin air an fhoghar s’a chaidh. SEISD. Diridh mise ris an t-sliabh, Dh’ fhaotainn seallaidh mar mo mhiann Air na h-eileanan an iar, Mu ’n teid a’ Ghrian fo cleoca. Lochran iùil nam miltean sluagh ’Tearnadh mall ri tuinn a’ chuain; ’S cirean càir-gheal bhàrr nun stuadh A failc’ an snuadh a gloire. Chi mi thall ud daingeann buan, Muile bearrach, gleannach, bhuam, ’S crun nam beann is àillidh tuar, Os ceann nan cruach gu morail. ’N lorg nan glomhas, domhain, liath, Croc-choill dhlùth nan lùb-allt fiar, Far am brùchd cruit-chiùil nan ian, Mu ’n gann a chiaras glomainn. Coire, creachann, doire ’s bàgh, O Bheinn Teala’ gu Ulbha àrd. Tir nan rùnag; tir nan sàr, O ’m faigh gach bàrd a cheolraidh. Seunta, seanndaidh, coinnleir I, O’n do bhoilsg fad iomadh linn Solus soisgeil feadh gach tir, ’Toirt sgeul na sith do shloighean. ’S cagar diomhair tir mo ghaoil— Cronan binn, ri linn gach smaoin, ’Bheir air lom an t-àm a dh’ aom, Am measg nan raon ’s nan coiseag. Oigridh ’n loinn, a b’ aoibheil gleus; Aosda chiùin ’bu chùirteil beus, ’N earbs’ gun cheist am freasdal Dé, A’ cur an creud am boidhchead. Beannachd leis an aisling bhinn; Céit’ ar n-oig’ a thriall ’s nach till; ’S leis gach solas ’fhuair mi fhin, An Innsean nam ban boidheach. Am Freiceadan Dubh. Thainig na rannan a leanas a mach am Beurla ann am paipear-naigheachd Sasunnach aig an àm ’s an robh “Am Freiceadan Dubh” gu seoladh a chogadh ris na h-Ashantees ann an Africa ’sa bhliadhna 1874. Cha robh an deise Ghaidhealach air a meas freagarrach do ’n dùthaich, agus uime sin dh’ fhàg iad as an déigh i. Chaidh na rannan eadar-theangachadh gu Gàilig le “Mac Mharcuis.” O ciod so an sgeula? Cà ’n d’ fhag iad am féile? C’ uime boineid a’s brigis an àit’ iteig a’s breacain?— Ann an Africa ’n teas, am measg meanbh-choille ’s phreas, Bho nach freagradh iad daibh chuir iad diubh iad car tacain. Ach cha mhill so an an cliù; cha ’n i ’n deise co-dhiù, Tha ’cur balla-chrith air naimhdean ’s a’ fuadach an céille; Cha ’n i! ach na laoich ’thig o bheanntaibh an fhraoich, ’N uair is Cath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a chéile!” Feuch morachd nam flath ’dol a dh’ ionnsaidh a’ chath! Bidh a’ phiob a’ seinn “Bail’ Ionaraora” gu ceolmhor; Air faiche nam blàr chithear gluasad nan sàr, Mar aig spaidsearachd-féille, gu h-athaiseach, seolmhor. ’S iad na naimhdean a chi, ’n uair a thig iad gu strith,— Ged a shaol iad an dubh-threubhan borba nach géilleadh— Meud an gaisge ’s an cruadhs ’n uair tha ’n ceol ’g a chur suas, A’s a’ Chath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a chéile!” ’N àm tarruing nan lann,—le piob-mhoir aig an ceann— An sàs theid na Gaidheil le deine do-thilleadh; Le ’n gaisge ’s le ’n tréin’ ni iad rathad dhaibh fein, ’S an naimhdean mar spréidh, bidh ’gan léireadh ’s ’g am milleadh. Na dubh-dhaoin’, ana feasd tuille, cha ’n fheith ri aon bhuille; Is leoir dhaibh ma chluinneas iad “Gillean an fhéilidh,” Oir bidh aca dearbh-fhios ’n a lorg gu ’n tig sgrios, ’N uair is Cath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a chéile!” Is e’n duine dìomhain a’s fhaide mhaireas. Is e ’n gile ’n t-aodach, ach ’s e ’n laochan am biadh. Na dean Mearachd Rubbers DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR air na prisean a’s ìsle ann an —STOR— REDDEN, Ross Block, Sidni. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Uidheamaich .....t’ EACH le acuinn a tha freagairt dha gu comhfhurtail. Co-dhiu tha acuinn throm no aotrom a dhith ort, paighidh e dhut a ceannach uainne. Tha gach seors’ acuinn a tha againn laidir agus buan; mar an ceudna na Sleigheachan, na Béin, na Cluig, na Bratan, agus na Cuipichean, dhe ’m bheil againn seorsachadh eireachdail. Tha na prisean againn daonnan ceart. Taghail oirnn airneo sgriobh ugainn. F. FALCONER & SON, SIDNI, C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. [TD 169] [Vol. 10. No. 23. p. 1] MAC-TALLA “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 31, 1902. No. 23. Daibhidh Stiubhard. LE IAIN. CAIB. I. BHA Daibhidh Stiubhard ’na dhuine air an robh fìor choltas a bhith slàn, agus a bhith toilichte gu leòr leis gach ni a bha e’ sealbhachadh. An uair a b’ aithne dhomhs ’e, bha e corr is tri fichead bliadhna; ach bha ’aghaidh cho tlachdar ri aghaidh a chunnaic mi, ach ainneamh; agus bha ruthadh na slàinte ’na ’ghruaidhean. Bha ’fhalt, ged a bha e air teannadh ri liathadh, cho tiugh ’s cho làidir ’s a bha e riamh. Bha e gu math làidir ’na bhodhaig aig an àm, agus bha e cho cridheil ’s cho sunndach ’s cho cuideachdail ’s a bha e ’na ghille òg. Bha meas mòr agam air Daibhidh, cha b’ ann a mhain a chionn gu ’m robh e ’na dhuine math, ach mar an ceudna a chionn gu ’n robh e ’na dhuine tuigseach, geur-chuiseach, deadh-chainnteach. Ged a bha e ’n comhnuidh aoidheil, dh’ aithnicheadh air a ghnùis gu ’n deachaidh e troimh iomadh trioblaid agus bròn. Cha b’ ann aon uair a chuala mi e ag innseadh na naigheachd a leanas mu dheidhinn gach deuchainn is aoibhneas is bròn troimh ’n deachaidh e air a thurus troimh fhàsach an t-saoghail so. Agus innsidh mi i facal air an fhacal mar a chuala mi o ’bheul fhein i. “Cha do shiubhail mi moran dhe ’n rioghachd riamh,” theireadh Daibhidh: “cha robh mi na b’ fhaide tuath na Duneidionn, agus cha robh mi na b’ fhaide mu ’dheas na ’n Caisteal-Nodha. Ach air a shon sin, thachair iomadh uidil is allaban, fortan is mi-fhortan rium, anns an t-saoghal. “B’ e dròbhair a bh’ ann am athair, agus bha e ’fuireach ann an sgìreachd Choldstream. Bha e ’deanamh mòran reic is ceannaich, araon aig na margaidhean a bh’ aig a’ chrìch Shasunnaich, aig a ’mharagadh an Duneidionn a h-uile seachdain, agus air uairibh ann am Morpeth. “Bha e da fhichead bliadhna ’s a coig mu ’n do phòs e. Bha boirionnach òg, grinn, glan, do ’m b’ ainm Cirsti Simson, a’ cumail an taighe dha. Bha Cirsti ’na boirionnach anabarrach dreachar, agus bhiodh àireamh de sheirbhisich nan tuathanach a bha anns a’ choimhearsnachd a’ tighinn gu tric rathad an taigh e gus a faicinn, agus mar an ceudna luchd-ceairde á Coldstream, agus á àiteachan eile—cha b’ ann a chionn gu ’n robh ise ’toirt misneach dhaibh, ach a chionn gu ’n robh aghaidh mhaiseach aice. “Air feasgar àraidh thachair gu ’n d’ thainig m’ athair dhachaidh á Duneidionn, agus, mar bu ghnàth leis, bha boinne beag ’na shùil. Ach cha robh e cho fad air aghart ’s nach d’ thug e an aire gu ’n robh dithis no triuir de spalpairean òga mu ’n cuairt an taighe. Bha e glé fheargach; agus thuirt e ri Cirsti, “Cha toigh leam, a Chirsti, a bhith ’faicinn nam balach ud mu ’n cuairt an taighe.” “Gu dearbh cha ’n ’eil mise toirt misneach sam bith dhaibh,” ars’ ise. “Ma ta, ’Chirsti,” ars’ esan, “ma ’s ann mar sin a tha, pòsaidh mi fhin thu, mur ’eil dad agad ’na aghaidh. “Cha ’n ’eil fhios agam c’ ar son a bhiodh dad agam ’na aghaidh,” ars ’ise. “Cha robh an corr de leannanachd eatorra, agus an ceann choig latha deug bha iad pòsda. Rugadh mise mu ’n d’ thainig ceann na bliadhna an déigh dhaibh pòsadh. An uair a bha mi ochd bliadhna, chuireadh do ’n sgoil mi, ach cha d’ fhuair mi de dh’ fhoghlum ach gu ’n deanainn beagan leughaidh is sgriobhaidh is cunntais. “An uair a bha mi mu sheachd bliadhna deug a dh’ aois, thachair gu ’n robh m’ athair ’s mi fhìn a’ dol gu ruige Morpeth. B’ ann air oidhche glé dhorcha ann an dulachd a’ gheamhraidh a bh’ ann. Bha toil againn an spréidh fhaotainn air aghart an oidhch’ ud fhein cho fada ri Chuitingham. Ach cha deachaidh sinn fad’ air ar n-aghart an uair a thàinig aon de na h-oidhcheannan cho fuar ’s cho fiadhaich ’s a chunnaic duine riamh. Bha ’n sneachda a’ tighinn a nuas na thorran, agus leis cho làidir ’s a bha ’ghaoth, bha ’n cathadh-làir cho dùmhail ’s gur gann a b’ urrainn duine a shùilean a chumail fosgailte. Cha mhòr nach robh mi air mo thachdadh. “Bha sinn a’ marcachd le chéile. Bha capull math làidir aig m’ athair, agus bha cnapach de ghearran beag làidir agamsa. Am measg a’ chruidh a bh’ againn bha biast de thri-bhliadhnach tairbh, agus bha e ’sior chur roimhe nach rachadh e ceum air aghart. B’ fheudar dhuinn ròp a cheangal m’a adhaircean, agus m’a choiseinn feuch an tugamaid air coiseachd air aghart. Ach cho luath ’s a thòisich an sneachda ris sileadh gu trom, agus a thòisich an cathadh lair dh’ fhairlich is dhubh dh’ fhairlich oirnn an tarbh a cheannsachadh. Cha rachadh e aon cheum as an àite ’s an robh e. Mu dheireadh thug m’ athair buille mhath dha leis a’ bhata, agus ghrad thug an tarbh ’s e air an dearg chaoch burrag do ’n chapull, agus chuir e ’adhaircean anns a’ chliathaich aice. Thuit m’ athair bhar a muin. Ged a bha mise dlùth gu leòr dha, cha robh mi ach gann a’ faicinn mar a bha ’tachairt. Leum mi bhar muin an eich anns a’ mhionaid, agus ruith mi far an robh e. “Oh, athair,” arsa mise, “am bheil sibh air bhur gortachadh?” “Bha e feuchainn ri éirigh, ach mu ’n d’ ràinig mise e—mu ’n gann a bha na facail am mach as mo bheul—thug an tarbh burrag dha! “Oh, Dhaibhidh!” ars’ esan, agus cha do labhair e facal riamh tuilleadh! Bu ghnàth leinn dagachan a bhith againn, agus ghrad thug mi am mach fear dhiubh á pòc-achlais mo chota-mhòir agus loisg mi air an tarbh, agus mharbh mi e. Dh’ fheuch mi ri m’ athair a thogail, agus ged a bha ’n oidhch’ ann, bha mi faicinn gu ’n robh ’fhuil air an t-sneachda—agus b’ e sin an sealladh eagalach dhomhsa! Cha b’ urrainn domh fhaicinn c’ àit an robh e air a lot; ach ged nach d’ rinn e ach an aon osna, cha robh mi ’smaointean gu ’n robh e marbh. Dh’ fheuch mi uair is uair ri chur air muin an eich gus a thoirt air ais do Ghlanton; ach ged a theab mi mo chridhe sgàineadh a’ feuchainn ri ’chur air muin an eich, dh’ fhairlich orm. “Oh, ciod e air an t saoghal a ni mi?” arsa mise, agus mi ’glaodhaich àird mo chlaiginn feuch an cluinneadh duine sam bith mi a bheireadh cuideachadh dhomh. Bha ’n cur ’s an cathadh cho trom ’s gu ’n robh eagal orm, ma bha e beò, gu ’n rachadh a thachdadh, agus a thiodhlacadh anns an t-sneachda mu’n tillinn air ais á Glanton. Agus an uair a bha mi ’glaodhaich, thainig Robhair, an cù bochd, far an robh m’ athair ’na shìneadh, agus thòisich e ri imlich a laimhe, agus ri donnalaich gu cianail. O nach robh fhios agam ciod a dheanainn, thog mi m’ athair gu taobh an rathaid, agus chuir mi ’na shìneadh e aig bonn na callaid ann an àite cho fasgach ’s a bha ri fhaotainn. “Oh, Robhair, fan thusa an sin, agus thoir an aire dha,” arsa mise ris a’ chù; agus ruith an cù bochd far an robh m’ athair ’na shìneadh, agus rinn e mar a dh’ iarr mi air. “Leum mi air muin an eich, agus thug mi am baile orm cho luath ’s a b’ urrainn domh. Ann an ùine ghoirid bha mi air m’ ais, agus thainig àireamh de mhuinntir a’ bhaile comhladh rium le soluis gus mo chuideachadh. Bha m’ athair comhdaichte le fuil, ach cha robh an coltas bu lugha air gu ’n robh beath’ ann. Bha mi ’n dùil gu ’n grad bhristeadh mo chridhe, agus car ùine chluinnteadh mo ghlaodhaich na b’ àirde na fuaim na stoirme. “Thugadh m’ athair do ’n taigh-òsda, agus an uair a thugadh dheth an t-aodach chunnacas gu ’n do chuir an tarbh adhairc a steach fo ’n t-slinnean thoisgeal aige. Agus an uair a thugadh an doctair g’ a amharc anns a’ mhadainn, thuirt e gu ’n robh e air a ghrad mharbhadh. Agus mar a dh’ innis mi dhuibh, cha do labhair e riamh, ach nuair a thuirt e “Oh Dhaibhidh!” “Bha m’ inntinn cho mòr fo dhragh ’s nach b’ urrainn domh sgrìob sgrìobhaidh a dheanamh, agus thug mi air a’ mhinistear sgrìobhadh thun mo mhàthar, a’ bhean bhochd, a dh’ innseadh dhi mar a thachair. Ghabh fear-eòlais do m’ athair cùram de ’n spréidh, agus reic e iad air an fheill ann am Morpeth. Agus an uair a thuarasdalaich mi carbad-mharbh ann an Alnic, thug mi dhachaidh corp m’ athar. Agus faodar a thuigsinn gur ann glé bhrònach a bha mi ’dol dhachaidh. Mu ’n d’ ràinig sinn an taigh, chuala mi mo mhàthair a’ glaodhaich ’s a’ tuiream. “Oh, mo leanabh gun athair,” ars’ ise an uair a bha mi ’dol a steach air an dorus. Ach mu ’n do tharr i éirigh gus mo choinneachadh, chunnaic i sealladh dhe ’n chiste-laidhe, agus an uair a leig i glaodh cruaidh, goirt aisde, thuit i ann an neul. CAIB. II. “An uair a thiodhlaiceadh m’ athair agus a phàigheadh a h-uile sgillinn fhiach a bh’ air, fhuair sinn am mach gur e ceithir cheud punnd Sasunnach a bha de chorr againn; agus o’n a bha mise air mo thogail ri dròbhaireachd, ged a bha mi car òg, lean mi romham air an obair a dh’ ionnsaich mi, agus bha mo mhàthair ’s mi fhin a’ cumail taighe le chéile. “B’ e so an aon rud sònraichte a thachair dhomh fad an ath thri bliadhna deug no gus an robh mi deich bliadhna fichead. Bha mo mhàthair a’ cumail an taighe dhomh, agus cha robh [TD 170] [Vol. 10. No. 23. p. 2] smaointean sam bith agam air pòsadh. Cha ’n e nach bithinn an dràsta ’s a rithist a’ dèanamh beagan leannanachd ris na h-igheanan an uair a thachradh iad rium, ach cha robh aon smaointean agam air pòsadh, cha robh mi ach air son a leigeadh ris dhaibh gu ’n robh toil agam a bhith caoimhneil riutha. Cha do thachair dhomh eòlas a chur air aon té a bhithinn deònach a phòsadh. Agus rud eile dheth, ged a bhiodh té ann a chòrdadh rium fhìn, cha robh mi ’smaointean gu ’m biodh mo mhàthair ro thoilichte anns an taigh comhladh ri mnaoi òig. A nis, mar a bha mi ag innseadh dhuibh, chaidh an ùine seachad mar so gus an robh mi deich bliadhna fichead. Bha feòladair ann an Duneidionn—duine measail, tlachdar—ris am bithinn a reic cuid dhe ’n spréidh gu math tric. Air lath’ àraidh thachair sinn ri chéile aig a’ mhargadh. Bha e anns an àm air ùr-phòsadh. ‘A Dhaibhidh,’ ars’ esan, ‘cha ’n ’eil thu ’falbh as a’ bhaile an nochd? Nach fhearr dhut a dhol do ’n taigh agam fhìn ’s gu ’n gabhadh tu cupan tì comhladh rium fhin ’s ris a’ mhnaoi, agus ri h-aon no dithis eile de chàirdean? “Tha mi coma ged a rachadh,” arsa mi fhìn; “ach cha ’n ’eil mi ann an aodach freagarrach air son a dhol a dh’ òl tì comhladh ri daoine còire sam bith.” “Coma leat dhe ’n aodach,” ars’ esan. Aig an uair a dh’ ainmich e, choisich mi a null do ’n Bhail’ Ur gus an d’ ràinig mi Sraid Hanobher, far an robh e ’fuireach. Thugadh a steach mi do sheòmar mòr briagha air an robh làr-bhrat cho briagha ’s a chunnaic mi riamh. Bha sgàthan mòr an crochadh ris a’ bhalla as cionn an t-simileir, agus uisge òir air a’ chéis anns an robh e. An uair a chaidh mi steach do ’n t-seòmar, chunnaic mi mi-fhìn ann o bhonn gu bathais. Chuir an làr bhrat, an sgàthan, an sofa, agus a’ chuid eile dhe ’n innsreadh bhriagha a bh’ anns an taigh annas gu leòr orm. Arsa mise rium fhìn, “Tha so a’ nochdadh cho math ’s a bha ’n cùnnradh a bha thu ’faotainn uamsa.” Bha triùir no ceathrar de mhnathan uaisle ’nan suidhe anns an t-seòmar, agus thuirt am feòladair, “So agaibh Mr Stiubhard, a mhnathan uaisle. Mr Stiubhard, Mrs Piri,” agus a rithist thuirt e “Miss Murray, Mr Stiubhard.” Cha mhor nach do thuit mi as mo sheasamh leis mar a bha mi air mo nàrachadh—bha e falbh leam air feadh an taigh e mar gu ’m biodh fear a’ falbh le pàisde ann an seomar dannsa. “Is mise bhur seirbhiseach, a mhnathan uaisle,” arsa mi fhin. Thug mi anns an àm sùil air an sgàthan, agus thug mi an aire gu ’n robh m’ aodann a cheart cho dearg ri corcuir. Ach chaidh mi ’nam bhoil buileach glan an uair a thugadh a steach an tì, agus a thuirt am feoladair rium, “A Mhr. Stiubhard an sìn sibhse an tì do na mnathan uaisle?” “Dunaigh air,” arsa mise rium fhìn, “an d’ thug e an so mi gus amadan a dheanamh dhìom?” Thug mi oidhirp air an tì agus an t-aran a shìneadh dhaibh; ach leis mar a chaidh mi ’nam bhoil, leig mi leis na tubaistean ’s leis na leibistean, le cupa tuiteam ann an uchd Miss Murray! Cha mhòr nach do thuit mi marbh leis an nàire a ghabh mi a chionn a leithid a thachairt dhomh. “’Na cuireadh e dragh sam bith ort,” ars’ ise; “cha ’n ’eil cron sam bith deante.” Agus labhair i cho ciùin ’s cho caoimhneil ’s gu ’n do ghabh mi tlachd dhe a guth anns a’ mhionaid. Ach an uair a sheall mi air a h-aghaidh cha do chòrd an gnothach cho math rium. Ach an deigh a h-uile rud, fad na h-uine a bha mi anns an taigh cha b’ urrainn mi gun a bhith ’sior amharc oirre. An ath uair a thachair am feòladair rium, thuirt mi ris, “Bha romham fhaighneachd dhiot, ciod e ’n té ’th’ ann am Miss Murray?” “Cha fhreagair i air dròbhair dhe do sheòrsa-sa co dhiubh,” ars’ esan. “Bha mi ’g a smaointean sin,” arsa mise, “ach bu ghlé thoigh leam am barrachd eòlais a chur oirre.” “Faodaidh tu sin ma thogras tu fhein,” ars’ esan. Agus ’na dheigh sin, bha mi mar bu trice uair ’s a’ mhios ann an Duneidionn. Agus ged a bha mi ’faicinn Miss Murray a h-uile uair a bha mi ’dol ann, cha duirt mi facal leannanachd riamh rithe, agus cha bhiodh e coltach gu ’n abradh. Beagan ùine ’na dhéigh so, dh’ eug fear ann an Lunnainn a bha dàimheil do m’ mhàthair. Bha e ùine mhath ’na mharsanta, agus chuir e suim mhath airgid ma seach. Bha e air a ràdh gu ’m b’ i mo mhàthair an aon bu dàimheile dha a bha beò; agus o nach d’ rinn e ’thiomnadh, bha e air a ràdh gu ’m faigheamaid an t-airgiod a dh’ fhàg e ’nan cuireamaid air a shon. Agus b’ fhiach gach ni a dh’ fhàg e còig mile punnd Sasunnach. Ged a chuir sinn an gnothach ann an làmhan fir-lagha, chaidh trì no ceithir de bhliadhnachan seachad mu ’n cuala sinn facal m’ a dheidhinn an airgid, ged a bha sinn a’ cluinntinn mar a bha ’n lagh a’ dol air aghart. Bha dorran gu leòr orm a chionn gu ’n do ghabh mi gnothach sam bith ris. Bha mi gu tric a’ smaointean nach robh mi ach a’ cosg mo chuid airgid gun fheum sam bith. Mu ’n àm mu ’m bheil mi ’labhairt dh’ fhàs mo mhathair glé lag, breòite. Thuig mi gu ’n robh i gu nadarra a’ cnàmh ’s a’ dol as, agus nach biodh i fada beò comhladh rium. An latha mu ’n do dh’ eug i, rug i air laimh orm, agus thuirt i rium, “A Dhaibhidh, a Dhaibhidh,” (agus saoilidh mi gu ’m bheil mi fhathast ’ga cluinntinn a’ bruidhinn) “bhiodh e ’na chomhfhurtachd mhòr dhomhsa nan robh mi air d’ fhaicinn air do phòsadh ri deadh bhean taighe, mu ’n tigeadh am bàs orm; ach cha tachair sin?” Mar a bha mi ag ràdh, dh’ eug mo mhàthair, agus bha ’n taigh glé fhuar, falamh as a h-aonais. Mu thri mìosan an déigh a bàis, thachair dhomh a bhith beagan laithean o’n taigh. Agus an uair a thainig mi dhachaidh, chuir a’ chaileag shearbhanta litir ’nam laimh, agus thuirt i, “A mhaighstir, sin agaibh litir, saoil sibh an ann dhuibh a tha i?” An uair a sheall mi oirre, chunnaic mi gu ’n robh i air a stiùireadh gu Daibhidh Stiubhard, Esquire, faisg’ air Coldstream. Dh’ fhosgail mi an litir, agus ghabh mi ioghnadh gu leòr an uair a chunnaic mi gu ’m b’ ann o ’n fhear lagha a bha air mo thaobh ann an Lunnainn a bha i. Bha e ag innseadh gu ’n do ghleidh mi an lagh, agus gu ’m faighinn an t-airgiod uair sam bith a chuirinn fios air. Chuir mi dh’ iarraidh an airgid leis an ath phost. A nis, tha sibh a’ faicinn, bha mi air fàs seachd sgìth de bhith ’nam sheana-ghille. Agus fada roimhe sid bha toil agam pòsadh agus gabhail aig rudeiginn fois—sin ri ràdh, o’n a’ cheud oidhche a chunnaic mi Miss Murray. Ach tha sibh a faicinn, fhad ’s a bha mi ’nam dhròbhair b’ ainneamh leam a bhith aig an taigh—a dh’ innseadh na fìrinn bha mi na bu mhiosa dheth na ’n t-Arabianach, oir cha robh a’ bheag de shìth no de chomhfhurtachd agam—agus bha mi ’smaointean nach robh feum sam bith dhomh bean fhaighinn gus an rachadh agam air a bhith ann an suidheachadh a b’ fhearr. Ach cha b’ e so uile gu léir an t-aobhar a chum gun phòsadh mi. Cha robh boirionnach air an talamh, bha mi ’smaointean, a dheanadh mo bheatha sona dhomh ach Miss Murray na h-ònar; ach bhuineadh i do theaghlach measail. Mar a fhreagras mi aig a’ bhreitheanas, tha mi toirt m’ fhacail nach d’ fheòraich mi o neach riamh co dhiubh a bha airgiod aice no nach robh. Ach thuig mi gu math nach freagradh do dhròbhair dùthchadh mar a bha mise, aig nach robh cleachdadh air a bhith ann an cuideachd uaislean, teannadh ri cumail suas ri leithid de bhoirionnach. Ged a bhiodh làn mo dhuirn de notaichean agam an diugh, is docha nach biodh sgillinn agam am màireach. Mar a thubhairt mi, thuig mi gu math nach freagradh do m’ leithid gabhail dìreach far an robh i, agus a ràdh, “Am bheil dad agaibh an aghaidh coiseachd troimh ’n phàirc maille rium?” no briathran eile coltach riutha so. (Ri leantuinn). Oidhche aig Iasgach an t-Saoithein. LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN. AIR feasgar latha mìos meadhonach de ’n fhoghar, bho cheann còrr is dà fhichead bliadhna air ais, chitheadh tu sia no seachd de bhàtaichean a’ fàgail gach caochladh puirt. Ann an loch àraid air taobh-an-iar an Eilein Sgiathanaich a’ falbh gu iasgach an t-saoithein eadar còig agus sia uairean ’s an fheasgar dheanadh iad a leithid de stàirneach ’g an slaodadh a mach air a’ mhol. Bhitheadh triùir no ceathrar de sgioba agus gach bàta, agus an aon aireamh de shlatan-iasgaich aca. Bhitheadh seann phoit phràiseich air ùrlar a’ bhàta anns am bitheadh teine ’g a chumail beò gu biadh a dheanamh dhaibh féin air tìr ré na h-oidhche. Bhitheadh aca mar an ceudna poca de bhuntàta feitheamh air an iasg ùr a gheibheadh iad air an fheasgar sin féin. An uair a gheibheadh iad an cuid bhàtaichean a mach agus gach duine ’n a shuidhe air a thobhta agus aig a ràmh fhéin, tharruingeadh iad air falbh o’n chladach gus an tigeadh iad na b’ fhaisge air a’ chéile na b’ fhaide mach ’s an loch. Bha aca ri dhol ochd mìle mara gu iola an iasgaich air sruth làidir aig ceann eilein àraidh. Chluinneadh tu an còmhradh agus na h-òrain a bhiodh aca ’n uair a bhiodh iad fada mach ’s an loch, oir bha ’m feasgar blàth, ciùin, ’s na speuran gorm gun neul, ’s a’ mhuir ciùin, uaine, gun thonn gun onfhadh, air chor ’s gu ’n cluinneadh tu iad mòran na b’ fhaide na ’chluinneadh tu na ’m bitheadh iad air tìr-mòr. Rachadh na bàtaichean agus an còmhradh na bu lugha agus na bu lugha gus an rachadh iad as an t-sealladh uile gu léir. Cho luath ’s a bha iad a’ ruigheachd iola ’n iasgaich bha iad a’ cur a mach an cuid shlatan. Bhitheadh dithis ag iomramh, ’s nam biodh an t-iasg pailt dh’ fheumadh dithis a bhi aig na slatan; ’s mur biodh iad pailt, dhèanadh aon duine an gnothach. Leanadh iad mar sin air ais agus air aghart gus am fàsadh e cho dorcha ’s nach fhaiceadh iad co-dhiù ’bha no nach robh iasg air na slatan. Cha robh ni ri fhaicinn no ’chluinntinn ach an coinnlean bianain a bhiodh iad a’ gluasad leis na ràimh, agus sgreuchail nan eòin-mhara a’ sgiathail bho chreag gu creag, agus fuaim trom fad air falbh a bh’ aig a’ chuan-an-iar. Rachadh na bàtaichean gu tìr; cuid dhiubh cheangaileadh iad ris na creagan, cuid dhiubh tharruingeadh iad suas air a’ mhol. Rachadh na sgiobaichean còmhla gu seann tigh mòr a bha anns an eilean anns nach robh duine ’gabhail còmhnuidh air son mòran bhliadhnaichean. Lasadh iad teine mòr de mhòine agus mhaidean agus bhruicheadh iad am buntàta agus an t-iasg. Sgaoileadh iad iad air bòrdan, no nam biodh an oidhche blàth, tioram, sgaoileadh iad iad a mach air an fheur ghlas. Bhitheadh am buntàta ’s an [TD 171] [Vol. 10. No. 23. p. 3] t-iasg cho teth, agus na h-iasgairean cho acrach, oir bha fada bho ’n a ghabh iad an tràth mu dheireadh aig an dachaidhean. Bha an càil cho glan agus fallain le àileadh làidir na mara, agus mar tha seanfhacal ag ràdh, gu ’n itheadh iad na clachan. Chitheadh tu ’n smùid teth bho phluic gach h-aoin mar a chitheadh tu a’ phuthag ’an àm éirigh. An uair a bhiodh gach aon sàsaichte le ’n suipeir, thòisicheadh na sgeulachdan agus taibh-searachd, agus iomradh air iomadh euchd agus treundas a bhiodh iad féin agus feadhainn eile a’ deanamh air muir agus air tìr. ’Nuair bhiodh iad sgìth dheanamh naigheachdan agus taibhsearachd, thòisicheadh iad air na h-òrain, fear dhiubh a’ gabhail an òrain agus càch a’ togail an fhuinn. Chluinneadh tu mac-talla ’toirt freagairt d’ an guth binn, fallain. Is iomadh duine a tha ’gabhail còmhnuidh ann am bailtean mòra na rìoghachd, a tha ’inntinn làn de chùram agus draghannan an t-saoghail so, a dheanadh e mòran a dh’ fheum dha a bhi ’g éisdeachd luinneagan agus a’ gabhail beachd air cleachdainnean agus simplidheachd na dùthcha. Tha na h-iasgairean so làidir ann am bodhaig agus ann an inntinn oir cha ’n ’eil mòr-chùram an t-saoghail so orra, ’s cha ’n ’eil obair aca ri dheanamh anns a ’chearn so de ’n dùthaich ach an t iasgach agus na croitean. ’Nuair bhiodh e fada air aghart ’s an oidhche, thuiteadh fear thall agus a bhos ’n a chadal, gus mu dheireadh nach bitheadh ’n a dhùisg ach aon no dithis. An uair a ghlasadh an latha gu math, rachadh gach sgioba gu ’m bàtaibh féin, cuid le glé bheag sunnd le cion fois na h-oidhche agus fuachd na maidne; oir eadar glasadh an latha agus éirigh na gréine bhiodh e glé fhuar mu ’n àm ud de ’n bhliadhna. Rachadh iad a mach do ’n cheart àite anns an robh iad an oidhche roimhe sin, air ais agus air aghart air an t sruth, gus an éireadh brat na h oidhche agus a thòisicheadh tighean agus fearann a’ tighinn am fradharc, agus reultan na maidne a’ dearrsadh, a’ ghrian chaomh a’ cur a gathan soluis roimpe gus an nochdadh i coimhlionta ’n a glòir a’ sgaoileadh cumhachd a soluis air aghaidh na talmhainn. ’Nuair bhiodh e dlùth do naoi uairean, ’s a bhiodh gu leòir a dh’ iasg aca, dh’ fhalbhadh bàta an déigh bàta dhachaidh, gus am fàgadh iad uile an iola iasgaich. ’Nuair a gheibheadh iad biadh agus beagan uairean de chadal, rachadh iad am feasgar sin féin a dh’ iasgach a’ charbhanaich gus am biodh e glé anmoch. Tha cuimhne agam gu math air aon fheasgar is mi mach ag iasgach còmhla ri triùir eile. Bha fear dhe ’n sgioba, do ’m b’ ainm Gilleasbuig Tàillear, a bha ’n a ghealtair mòr air muir, oir bu ghlé ainmig a bhiodh e ann am bàta mur a rachadh e corra oidhche a dh’ iasgach còmhla ri feadhainn eile. Bhiodh gillean an àite gu tric a’ tarruing as, ged nach robh gamhlas air bith aca dha. Bha ’m feasgar so ciùin, sàmhach, gun oiteig gaoithe ann. Bha Gilleasbuig agus fear eile ag iomramh, fear ’n a shuidhe anns an toiseach, is mi-fhéin ’n am shuidhe ann an deireadh a’ bhàta, oir cha robh mi ach gle òg ’s an àm. Bha naigheachd a’ dol timchioll na dùthcha gu ’n robh iasgairean nan lìn mhòra a bhiodh a mach ’s a’ chuan a’ faicinn an nathair-mhara. Cha robh beag no mòr a bhiodh a mach ann am bàta nach bitheadh air an oillteachadh gu ’m faiceadh iad an creutair iongantach so. Bha sgeir mhòr mhara mach am bun an locha, agus an uair a bhiodh an làn àrd, shealladh i caol, fada. Cha robh i eu-coltach ri nathair mhara. Air an fheasgar so bha ar cùl ris an sgeir, agus bha sinn ag iomramh gu sàmhach gu iola an iasgaich, ’nuair a ghlaodh am fear a bha ’n a shuidhe ’s an toiseach gu grad, “An nathair-mhara! An nathair-mhara!” “An nathair-mhara!” ghlaodh Gilleasbuig Tàillear ’s e ’sealltainn thar a ghualainn. Cha d’ fheith e ri sealltainn no smuaintinn an dara h-uair, ach ghlaodh e ris an fhear eile, “Iomair, iomair cho math ’s a’s urrainn do chridhe gu tìr!” Chuir iad an casan ris na tobhtaichean, agus thòisich an t-iomramh da-rireadh gus an robh na cnagan a’ leum as na bacan-iomraimh. Cha do stad is cha do sheall iad gus an do sgleog iad sgruig a’ bhàta air na creagan air tìr. Leum am fear a bha ’san toiseach a mach gu gabhail roimh ’n bhàta mu ’m bristeadh i. Cha do ghléidh a chasan greim air na creagan leis a’ chabhaig a bh’ air, agus thuit e mach air a’ mhuir, ach rinn sinn greim air gu h-ealamh, agus an uair a dh’ fhàisg sinn a chuid aodaich cha robh aig an duine truagh ach coiseachd dhachaidh timchioll astar fada. ’Nuair a fhuair Gilleasbuig Taillear sàbhailte gu tìr, ’s a fhuair e tìm sealltainn timchioll, bha an nathair-mhara ’s a’ cheart àite ’s an robh i roimhe, ’s tha i sin gus an latha ’n diugh.—Oban Times. “An Dachaidh ’s an d’ Rugadh Mi.” LE IAIN CAIMBEUL, AN GLASCHO. CHA ’N ’eil cuspair eile fo ’n ghréin is taitniche do neach sgrìobhadh uime na an dachaidh ’san d’ rugadh e. Co-dhiù bha ’n dachaidh sin na bhothan beag ìosal no ’na chaisteal briagha tha bàigh shònruichte aig an duine ri àit a bhreith. Tha ’r leam gu bheil an gaol dachaidh so gu sònruichte a faotainn àit’ ann an cridhe a’ Ghaidheil a tha air chuairt ’sa bhaile mhòr. Dh’ fhaoidte nach robh moran meas aige riamh air a dhachaidh gus an robh e greis “ann an Glaschu mòr nan stiopall, baile na gleadhraich,” ach ann an glé bheagan ùine tha chridhe ’g éigheach a mach le “Fionnladh Piobaire.” O! nach robh mi aon uair eil’ a m’ shìneadh air bruach na h-aibhne, far nach cluinninn ach torman nan allt, bàirich nam bò, agus ceilearadh nan eun! Rugadh mise ann am baile beag ris an abrar Sgiobinnis ann an Cinn-tire Earraghaidheal, agus tha e air aideachadh le gach neach a bha riamh ann, nach ’eil baile beag an taobh an iar do dh’ Albainn is bòidhche na e. Tha e air a shuidheachadh taobh na mara, direach aig a cheart àite ’s am bheil uisgeachan Loch Fine agus Caol Chille-Bhranndain a coinneachadh a cheile. Tha aghaidh a bhaile ris an àirde deas, agus tha e mar sin grianach a shamhradh ’s a gheamhradh. Air a chùl tha na monaidhean ag éirigh suas a phògadh nan neul ’s iad còmhdaichte le fraoch bho mhullach gu iochdar. Ann an so tha pailteas do chearca-fraoch do choilich-dhubha agus do eunlaith eile r’a fhaotainn an àm seilge. Tha dà ghleann bhòidheach ag eiridh ’n àird bho dhà cheann a bhaile ’s iad sgeadaichte air gach taobh le coillteach, anns am bheil a h-uile seorsa fiodh a’ cinntinn airson obair na h-oighreachd, a thuilleadh air a bhi toirt toileachadh do shealladh nan sùl agus fasgadh do dhuine agus ainmhidh. Mu choinneamh Sgiobinnis agus aig astar choig no sè mhiltean tha sléibhtibh an eilean Aranaich ag eiridh ’n aird agus na neòil, agus là an deigh là, a cur an cuimhne mòrachd an Ti a chruthaich na “Sléibhte siorruidh.” A thaobh e bhi air a chladach tha moran do mhuinntir an àite ’na maraichean, agus ’s lionmhor iad a th’ air clàraibh shoithichean mora ann an iomadh cearn’ do ’n t-saoghal a fhuair an ceud eòlais air seoladaireachd ann am bàta-sgadain air Caol Chille Bhranndain. ’S e iasgach an sgadan a b’ obair do ’n chuid mhor do mhuinntir an àite ri mo linn-sa, ach cha ’n ’eil an sgadan cho pailt a nis, agus tha moran air sguir do ’n obair sin, ach ’s tric a chithear fhathast an acarsaid làn do bhàtan éisg air an tional bho gach port air Loch Fine, ’s iad uile air tòir an éisg is ainmeile ’s an t-saoghal, ’s e sin, “Sgadan Loch Fine.” Mar a dh’ eirich do ’n Ghaidhealtachd uile gu léir, chaidh buidheann mhor do mhuinntir an àite a ruagadh air falbh do America mu thuath, ach ged a chaill iad an dachaidh cha b’ urrainn dhaibh a leigeil as an cuimhne, agus thug iad do bhaile an Ontario ainm “an dachaidh ’s an d’ rugadh iad.” Tha mar sin an sluagh tearc, agus tha chuid nach ’eil nan tuathanaich ag obair air an oighreachd aig tighearna an fhearainn. Tha esan ’na fhìor dhuin ’uasal cha ’n ’eil màltan trom, agus-a thaobh iomadh sochair eile a tha iad a’ mealtainn, tha aobhar aca bhi toilichte taingeil. Bhuineadh, an oighreachd bho cheann iomadh ginealach do na Caimbeulaich—an sliochd bho ’n d’ thainig mi fein. Tha eachdraidh ’g innseadh gun d’ thainig “Ceanntire” mar thiodhlac leis an Righ do Mhac Cailein Mòr, ceann feadhna nan Caimbeulach. B’ fheudar do Mhac Cailein na Domhnullaich a ruagadh a mach mu ’n d’ fhuair e sealbhair Cinntire, agus ’s ann aig Sgiobinnis a thainig sìol Diarmaid air tìr thun a chogaidh. B’ e caisteal Sgiobinnis iuchair Chinntire, agus ’nuair a thugadh buaidh air cha b’ fhada gus an d’ thugadh buaidh air an tir uile. Gus an latha ’n diugh tha ’n talamh mu ’n cuairt air a chaisteal làn do chnàmhaibh agus do chlaigionn dhaoine, air chor ’s gur iomadh cath fuileachdach a chaidh chur anns a choimhearsnachd. Tha ’n t-seana chaisteal so mu naoi ceud bliadhna dh’ aois, agus bha e ’na dhaighneach laidir anns na h-àmannaibh ud. Tha na ballachan cho tiugh ’s gu ’m b’ urrainn each ’us cairt iomachd mun cuairt orra, tha na h-uinneagan ro[?], agus tha tuill an sud ’s an so air son shaighdean a chur á bogha. Tha prìosan iochdarach ann mar an ceudna far nach bu mhaith do neach a bhi fo ghlas. Thatar ag radh gu ’n d’ fhuirich an righ gaisgeil sin, Raibeart Bruce, oidhche ann an caisteal Sgiobinnis ’n uair a bha e air a rathad sios gu eilean Rathlin a chur seachad a gheamhraidh. Tha ’chill a tha toirt ainm do ’n chaol ma astar bhogh’-saighid bho ’n chaisteal, agus tha e mar an ceudna ro-aosda. Cha ’n ’eil a nis ach ballachan an t seann eaglais so na seasamh, agus tha craobhan a cinntinn ’na h-ùrlar. An so tha àit-adhlac nan Caimbeulaich, agus tha cuid do leacan-cinn ghasda do sheann snadhideadarachd Ghaidhealach ann mar an ceudna. Tha iomadh ni eile mu ’n àite a tha “mar sgeulachd na h-aimsir a dh’ fhalbh.” ’S e h-aon dhiubh sin “Dùn nam Mallachd.” Chaidh an t-ainm so thoirt air a chionn gu ’m b’ àbhaist do ’n a h-uile fear a chuidich an dùn a thogail, a mhallachd a thilgeadh sios maille ris a h-uile ultach do thalamh a chuireadh e air, oir ’s ann a deanamh peanas a bha iad. Tha ’n sud ’s an so, air àitean àrda, corrach, làraichean a bha o shean nan daingnich làidir. Bha h-aon diubh so anns a mhonadh ris an abrar “Cruach a Mhachair.” Tha sealladh gasda r’a fhaotainn air an tìr mu ’n cuairt. Chithear mar gu ’m b’ eadh aig do chasan na Caoil Bhòdach agus fearann Chòmhail agus tha h-uile loch ’us beinn ’us eilean bho Bheinn Chruachain anns an airde tuath gus an fhearann Eirionnach anns an deas ri fhaicinn gu soilleir—a cur an cuimhne mar a thuirt an t-Urramach Tormad Mac Leoid: “B’ àluinn a beinnean ’s a srathan; B’ éibhinn dath a gleanntan.” (Air a leantuinn air taobh 174). [TD 172] [Vol. 10. No. 23. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IANUARAIDH 31, 1902. Gu bhi ’nan Cairdean. GED a bha coltas na h-aimhreit air a Ghearmailt air na Staidean ’s air Breatunn o chionn ùine bhig air ais, tha a nise coltas orra bhi ’nan dlùth chairdean aon uair eile. Mar chomharradh air sin, faodar innse gu bheil Prionns’ Eanruic na Gearmailt a tigh’nn air chuairt ghoirid do na Staidean, agus gu bheil Prionnsa Wales, esan a bha gus o chionn ghoirid air ainmeachadh mar Diuc York, aig an àm so air chuairt agus a’ Ghearmailt. Tha so a nochdadh nach eil gamhlas no fior naimhdeas sam bith eadar na tri duthchannan so, agus nach robh na cathan briathrach a bha dol air adhart eatorra air an aobharachadh leis an t-sluagh a b’ fhearr, ach leis an t-seorsa sin a tha ri ’m faotainn agus gach dùthaich leis am miann fuaim mor a dheanamh mu ni beag air sgàth a bhi air an cluinntinn. Rinn an cronachadh a thug Chamberlain agus Breatunnaich eile do na Gearmailtich feum mor dhaibh, agus faodar a chreidsinn nach bi iad an deigh so cho ealamh air beum a thoirt do Bhreatuinn a thaobh cogadh nam Boerach. Glaodh Armenia. THA Criosduidhean Armenia ann an suidheachadh truagh. Tha uachdaranachd aig an Turcach thairis orra, agus tha e daonnan a’ deanamh eucoir agus ainneart orra. Anns na na bliadhnaichean 1895 agus 1896, chaidh mu thri cheud mile dhe ’n t-sluagh bhochd so a chur gu bàs gun aobhar sam bith ach nach robh iad a’ creidsinn ann am Mahomed; agus tha na dh’ fhàgadh dhiubh an diugh fo eagal gu bheil obair an sgrios gu tòiseachadh a rithist. Tha àireamh mhor dhiubh an deigh athchuinge a chur dh’ ionnsuidh Riaghlair nan Staidean, ag iarraidh air an dùthaich sin a dhol ’san eadraiginn, agus an saoradh o laimh an fhir-mhillidh. Ma chi an Riaghlair iomchuidh sin a dheònachadh dhaibh, theid aig na Staidean air an cuideachadh na ’s fhearr na theid aig aon de rioghachdan na Roinn-Eòrpa. ’S i Breatunn an aon dùthaich ’nam measg sin a bhiodh deònach cuideachadh leis na h-Armenianaich, ach aig an àm so tha a làmhan làn, agus cha ’n eil na comas na bu mhath leatha dheanamh. Eadhon ged nach biodh cogadh no stri sam bith air a lamhan, cha bhiodh e ro shoirbh dhi cur cruaidh ris an Turcach gun aon de na rioghachdan eile bhi ga ’cuideachadh. Tha rioghachdan na h-Eòrpa cho amharusach a thaobh rùintean càch a chéile ’s nach urrainn aon diubh gluasad sam bith a dheanamh gun a dha no tri de chàch gluasad na h-aghaidh, air eagal, ma leigear air adhart i, gu ’n tig i stigh air an còirichean fein. B’e ’n t-eud ’s an t-àmharus sin a chum Breatunn o dhol a dheanamh cobhair air na h-Armenianaich bhochda sia bliadhna roimhe so, agus ged bhiodh a lamhan saor agus i deònach cuideachadh leotha aig an àm so, dh’ fheuchte r’a cumail air ais ’s an doigh cheudna. Ach tha na Staidean mar dhùthaich air leth leatha fhein, agus ma chuireas Roosevelt roimhe an saorsa chosnadh dha na h-Armenianaich theid aig air a dheanamh, oir faodaidh e na thogras e dheanamh ris an t-Sultan gun aon de luchd-stàta na h-Eòrpa a bhacadh. Agus ’s e sin gu mor bu riatanaiche dha na dhol a ghabhail pàirt nam Boerach an aghaidh Bhreatuinn, mar bu mhiann le àireamh nach beag de mhuinntir a dhùthcha e dheanamh. Cosguis nan Cogaidhean. THA na cogaidhean a tha dol air adhart anns na h-Eileanan Philipeach agus ann an Africa mu Dheas a’ nochdadh gu soilleir gu bheil na Staidean fad air thoiseach air Breatunn ann an cosg airgeid. Tha Breatunn a cur air adhart cogaidh ann an dùthaich a tha uiread ri da thrian dhe ’n Roinn-Eòrpa, agus tha da cheud mile saighdear aic’ ann. Tha sin a cosg dhi mu fhichead millein dolair ’sa mhios. Cha’n eil an dùthaich anns am bheil na Staidean a’ cogadh ach gann an ceathramh cuid uiread sin, agus cha ’n eil ach mu dha fhichead mìle saighdear anns a’ chogadh; ach tha e cosg da mhillein dheug dolair ’sa mhios. Tha gach saighdear a tha mach aig Breatunn mar sin a cosg ceud dolair ’sa mhios dhi, am feadh ’sa tha gach saighdear a tha mach aig na Staidean a’ cosg do ’n dùthaich sin tri cheud dolair ’sa mhios. Ach a dh’ aindeoin sin cluinnear agus na Staidean barrachd mor mu chosguis cogadh nam Boerach na chluinnear mu chosguis a chogaidh a tha an dùthaich sin fhéin a cur air adhart anns na h-Eileanan Philipeach. Gailig Mhanainn. THA againn f’ ar comhair aig an àm so an Tiomnadh Nuadh ann an Gàilig Mhanainn. Tha a cheud taobh-duilleig dhe a leughadh mar so:— CONAANT NOA NYN JIARN AS SAUALTAGH VEESEV CREEST; VEIH NY CHIED GHLARAGHYN, DY KIARALAGH CHYNDAIT AYNS GAILCK; TA SHEN DY GHRA, Chengey ny Ahtyrey Ellan Vannin. POINTIT DY VE LHAIHT AYNS KIALTEENYN. London: 1810. Tha Gàilig Mhanainn ’s an aon dàimh do Ghàilig na h-Alba ’sa tha Gàilig na h-Eirinn, agus na ’m b’ ionann an dòigh litreachaidh, cha bhiodh e doirbh do Ghaidheal Albannach a leughadh. Ach tha i air a litreachadh a réir rian na Beurla, agus mar sin tha moran dhe na facail air an cur á aithne. A chum gu faic ar leughadairean dhaibh féin beagan earrannan dhe ’n chainnt so, bheir sinn dhaibh cosamhlachd a Mhic Struidheil.—Lucas xv: 11-32. As dooyrt eh, Va daa vac ec dooinney dy row: As dooyrt y fer saa rish e ayr; Ayr, cur dooys yn ayru dy chooid ta my chour. As rheynn eh e chooid orroo. As laghyn ny lurg shen, hymsee yn mac saa ooilley cooidjagh, as ghow eh jurnah gys cheer foddey, as ayns shen hug eh jummal er e chooid liorish beaghey rouanagh. As tra va ooilley baarit echey, dirree genney vooar ayns y cheer shen; as ren eh toshiaght dy ve ayns feme. As hie eh as daill eh eh-hene rish cummaltagh jeh’n cheer shen; as hug eshyu eh magh gys ny magheryn echey dy ve son bochilley muickey. As by-vian lesh e volg y lhieeney lesh ny bleaystyn va ny muckyn dy ee: as cha row dooinney erbee hug cooney da. As tra v’eh er jeet huggey hene, dooyrt eh, Nagh nhimmey sharvaant failt t’ec my ayr ta nyn saie arran oc, as fooilliagh, as ta mish goll mow laccal beaghey! Trog-ym orrym, as hem roym gys my ayr, as jir-ym rish, Ayr, ta mee er n’yannoo peccah noi niau, as kiongoyrt rhyt’s, As cha vel mee ny-sodjey feeu dy ve enmyssit dty vac: dell rhym myr rish fer jeh dty harvaantyn failt. As hrog eh er, as haink eh gys e ayr. Agh tra v’eh foast foddey veih, honnick e ayr eh, as va chymmey echey er, as roie eh, as ghow eh eh ayns e roihaghyn, as phaag eh eh. As dooyrt y mac rish, Ayr, ta mee er n’yannoo peccah noi niau, as ayus dty hilley’s, as cha vel mee ny sodjey feeu dy ve enmyssit dty vac. Agh dooyrt yn ayr rish e harvaantyn, Curjee lhieu magh yn coamrey share, as cur-jee er eh, as cur-jee fainey er e laue, as braagyn er e chassyn. As cur-jee lhieu ayns shoh yn lheiy, beiyht, as marr-jee eh; as lhig doom gee as ve gennal. Sou v’eh shoh my vac marroo, as t’ eh bio reesht; v’eh caillit, as t’ eh er ny gheddyn reesht. As reu ad toshiaght dy yannoo gien mie. Nish va’n mac shinney mooie ’sy vagher: as tra haink eh ergerrey da’n thie, cheayll eh kiaulleeaght as daunsin. As deie eh er fer jeh’n vooiujer, as denee eh cre son shoh. As dooyrt eh aish, Ta dty vraar eh jeet thie; as ta dty ayr er varroo yn lheiy beiyht, er-ynoyr dy vel eh er jeet thie huggey slane follan. As v’eh feer chorree, as cha baillish goll stiagh: shen-y-fa haink e ayr magh, as vreag eh eh. As dreggyr eshyn, as dooyrt eh rish e ayr, Cur-my-ner, ta mish rish whilleen blein shen ayns dty hirveish, chamoo ren mee rieau noi dty aigney, as foast cha dug oo dou rieau wheesh mannan, dy yannoo gien mash my gheiney-mooinjerey: Agh cha leah as v’eh shoh dty vac er jeet, ta er vaarail dty chooid er streebaghyn, t’ou er varroo er e hon yn lheiy beiyht. As dooyrt eh rish, Vac, t’ou er ny ve kinjagh marym, as lhiat’s ooilley ny t’aym. Ve cooie dooin ve gennal, as boggey y ghoaill: sou v’eh shoh dty vraar marroo, as t’ eh bio reesht; v’eh caillit, as t’eh er ny gheddyn. LEIS an àireamh so tha MAC-TALLA ’gabhail a chead dhiubhsan nach robh ’deanamh an dleasdanais ris, agus cha ruig e tuilleadh iad gus am pàigh iad air son na h-ùine a bha iad ga ’ghabhail. An deigh so bidh e ga ’n ruigheachd-san a mhàin a bhios ga ’phaigheadh gu riaghailteach na h-uile bliadhna. ’S e sin an aon dòigh air an urrainnear a chumail air adhart gu soirbheachail. Tha sinn an dòchas gu ’n dean ’fhior chàirdean an uile dhichioll air a shon, agus gu ’m bi a’ bhliadhna so a’ toirt bàrr air gach bliadhna chaidh seachad. [TD 173] [Vol. 10. No. 23. p. 5] Naigheachdan. BAS MULADACH—Thainig bàs muladach air fear Richard Greeno, ann an Woodville, an siorrachd Hants, an la roimhe. Bha e ’g obair anns a choille a tarruinn a mach fiodha, nuair a thuit an t-each air ga ’ghoirteachadh cho dona ’s gun do chaochail e. GUAL BHREATUINN—Chuir an Riaghladh Breatunnach an uiridh tasdan an tunna do chìs air gual a bhiodhte cur air falbh do dhùthchannan eile. Bha moran an dùil gu ’m biodh sin na aobhar air malairt a ghuail a chur air ais, ach cha do thachair sin idir. Chaidh barrachd guail a chreic an dùthchannan céin ’sa b’ àbhaist. LEIS AN AMHAICH GHOIRT—Ann an Tweedside, York, N. B., air an t-seachdain roimh ’n té s’a chaidh, chaochail Padruig C. Wood, a bhean, ’s a dhithis chloinne—an teaghlach gu h-iomlan—leis an amhaich ghoirt. Chaochail Wood fein Di-luain, am pàisde bu shine Di-màirt, agus a bhean ’s am pàisde b’ òige Dior-daoin. Bha an euslaint anabarrach dona. AIR AN TURUS DO AFRICA—Dh’ fhalbh dara leth na reiseamaid a tha Canada a cur do Africa mu dheas á Halifacs mu mheadhon a mhios so. Bha iad ann ceithir cheud ’s da fhichead duine, agus coig ceud ’s tri fichead each. Bidh an còrr a’ falbh an ùine ghoirid; faodaidh gu ’n seòl iad mu ’n ruig so na leughadairean. Tha sinn a’ guidhe turus math leotha, agus tilleadh slàn dhaibh. MEINN GHUAIL BHROAD COVE—Sheas na gearradairean agus a’ mhèinn so a mach o chionn ghoirid ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Bha iad a faighinn leth-dolair air son gach tunna guail a ghearradh iad, agus bha iad ag iarraidh 65c. an tunna. An deigh dhaibh a bhi ’nan tàmh ùine ghoirid, chaidh iad air ais a dh’ obair air 55c. an tunna, air chumha gu ’m biodh nithean àraidh eile air an robh iad a’ gearain air an ceartachadh. IASGAIREAN A’ SMUGLADH—Cha ’n ann ris an iasgach a mhàin a tha cuid de na soithichean Geancach a bhios na h-uile bliadhna ’taghal am puirt Nobha Scotia us Cheap Breatunn. Bha àireamh dhiubh air an glacadh air taobh deas Nobha Scotia o chionn ghoirid air son a bhi smugladh stuth làidir á St. Pierre, agus b’ fheudar do na sgiobairean aca ùbhlaidhean a phàigheadh, a ruith o leth-cheud gu dà mhìle dolair a réir meud na cionta. AIR FHAOTAINN MARBH—Chaidh Iain Coakley, greusaiche, a mhuinntir a Bhras d’Oir Bhig, fhaotainn marbh faisg air an rathad mhor eadar a dhachaidh us Cobh Chelly, maduinn Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Thatar am barail gu robh ’n daorach air ’s gun do thuit e as a charbad, agus gu ’m b’e an goirteachadh a fhuair e mar sin, cuide ris an fhuachd, a dh’ aobharaich a bhas. Bha e marbh treis a dh’ ùine mu ’n d’ fhuaireadh a chorp. CRITH-THALMHAINN AM MECSICO—Bha crith-thalmhainn mhor ann an Chilpanoingo, am Mecsico, air an t-siathamh latha deug dhe ’n mhios so. Chaidh sluagh mor a mharbhadh ’sa leònadh; cha ’n eil na fiosan a thainig gu ruige so gle chinnteach, ach thatar a’ meas nach robh an àireamh a chaidh a mharbhadh na bu lugha na tri cheud, agus gu robh a cheart uiread no barrachd is sin air an leònadh. Bha roinn de na togalaichean bu mhotha ’s a b’ fhearr ’sa bhaile air an tilgeadh gu làr, am measg chàch an togalach anns an robh oifis an telegraph. ’S e sin a bhi air a chur as a chéile is coireach nach eil fiosan cinnteach ri ’m faotainn. FO AMHARUS MORT—Chaidh Ualtar Gordon, fear dhiubhsan a bha falbh do Africa mu Dheas mar shaighdear ’san reiseamaid Chanadach, a ghlacadh ann a Halifacs air amharus gu ’m bu mhortair e air an robh luchd-ceartais Mhanitoba an tòir o chionn còrr us bliadhna. Thatar a’ fàgail air gu ’n do mhort e dithis sheann tuathanach deìreadh an t-samhraidh, 1900. Theich e do Dakota Deas, agus an sin ghabh e ann an arm nan Staidean. Agus nuair a bha ’n reiseamaid so ’ga togail an Canada theich e do Cholumbia Bhreatunnach agus ghabh e innte fo ’n ainm Iain Mac Gille-ghlais. Tha e nise ’sa phriosan ann a Halifacs, agus mu ’n leigear m’a sgaoil e, bidh a chiont no a neo-chiontachd air a dhearbhadh. MARCUS DUFFERIN TINN—Tha Marcus Dufferin agus Ava, a bha uair na Ard-riaghladair an Canada, agus an deigh sin ’s an dreuchd cheudna anns na h-Innsean, aig an àm so tinn. Bha e fàs lag o chionn treis a dh’ ùine air ais, agus cha ’n eil a nise ach beagan dòchais gu faigh e thairis air a thinneas. LUCHD-OBRACH A NEWFOUNDLAND—Tha àireamh mhor de mhuinntir Newfoundland aig an obair-iaruinn anns a bhaile so, agus mar an ceudna ann an Sidni Tuath; agus tha iad a sior thighinn. Air an t-seachdain s’a chaidh thainig mu cheud duine air a Bhruce, agus thatar ag ràdh gu bheil mu choig ceud eile ri tighinn an ùine ghoirid. A’ BHREAC AM BAILE-SHEORAIS—Tha a bhreac ann an Georgetown, E. P. I., o thoiseach a’ gheamhraidh. Bha i air a toirt ann le sgioba da shoitheach a thainig do ’n acarsaid mu ’n àm sin a dh’ iarraidh luchd sìl is buntata. Chum an easlaint gnothuichean a’ bhaile gu mor air ais uaithe sin, agus air a mhios so b’ fheudar na sgoilean agus na h-eaglaisean a dhùnadh. BAS NIGHINN AM BOSTON—Thainig bàs gle aithghearr ann am Boston air nighinn òig d’ am b’ ainm Alice Dhomhnullach, a mhuinntir Cheap Breatuinn. Bha i ’na searbhanta ann an teaghlach d’ am bu shloinneadh Gibbs, agus chaidh i chadal oidhche Dior-daoin, an siathamh latha deug dhe ’n mhios, ’s i cho slàn ’s a b’ àbhaist dhi. Maduinn an ath latha fhuaireadh marbh anns an leabaidh i. Bha a bàs air aobharachadh le tinneas a’ chridhe. MU ’N CHOGADH—Tha sinn a cluinntinn aig an àm so gu bheil làn dhòchas aig na Breatunnaich gu ’n tig crioch air a chogadh Bhoerach an ùine gle ghoirid. Ach tha sinn a’ cluinntinn mar an ceudna gu bheil iad an deigh cuireadh a thoirt do Australia ’s do New Zealand reiseamaidean ùra chur g’ an cuideachadh; agus cha ’n eil an da sgeul a’ co-chòrdadh. Feumaidh gu bheil teagamh ’sa chùis fhathast, ged bu mhath le daoine bhi ’n dòchas nach eil. BREITHEAMHAN BODHAR—Thatar ag radh gu ’n cuir a phàrlamaid air a bhliadhna so mu dheidhinn àireamh de na breitheamhan a thoirt bhar cathraichean-breitheanais Chanada. ’S e ’s aobhar dha sin gu bheil cuid dhiubh le sean aois air fàs bodhar ’s a’ call an cuimhne air dhòigh ’s nach eil e an comas dhaibh am bitheantas ceartas a roinn mar bu chòir. Tha e ceart agus a réir lagha gu ’m biodh breitheamh air fhàgail air a chathair fhad ’sa bhios na ’chomas lagh agus ceartas a mhìneachadh ’sa roinn eadar duin’ agus duine, ach nuair a bheir eucailean na h-aoise an comas sin uaithe tha e ceart gu leor gu ’m biodh duine b’ fhearr comasan air a chur na àite. MORT AN ALBERTON, E. P. I.—Bha fear Gilleasbuig Graves air a mharbhadh ann an Alberton, E. P. I., air an t-seachdamh latha deug dhe ’n mhios so, le Seoras Gillian. Bha Gillian an deigh tigh’nn do ’n bhaile ’s a ceangal ’eich aig taigh-ceannachd nuair a thug Graves an sàs ann. Le cuideachadh fir eile fhuair Gillian as a lamhan, agus choisich e air falbh. Lean Graves e, agus an sin thill Gillian agus loisg e da urchair air. Chaidh aon de na peilearan na chom, agus an ceann uair no dha bha e marbh. Bha Graves a’ cumail taigh-òil agus bha leth na daoraich air aig an àm. Bha am fear eile fuar gu leòr. Tha e ri bhi air fheuchainn air son mort aig Cùirt-Mhor an t-samhraidh. NA TAGHAIDHEAN—Bha taghadh-luchd-pàrlamaid ann an sia siorrachdan an Canada air a choigeamh latha deug dhe ’n mhios so. Bha sianar Liberals air an taghadh, agus triùir Chonservatives. Choisinn na Liberals da àite-sùidhe an Ontario, agus chaill iad aon ann an Cuebec. Ann an Queen’s, E. P. I., bha an t-Onorach Domhnull Mac-Fhearchair, Liberal, air a thaghadh. B’ e so an t àite-suidhe bh’ aig Sir Louis Davies gus an d’ fhàg e ’phàrlamaid, air dha bhi an a dheanamh ’na bhreitheamh. Tha aon àite-suidhe falamh an tigh nan islean fhathast; agus tha coig àiteachan falamh anns an t Seanaidh. Nuair a fhuair na Liberals a stigh ’sa bhliadhna 1896, bu Chonservatives a mhor chuid de bhuill an t-Seanaidh, ach chaochail a h-aon deug air fhichead dhiubh uaithe sin, agus an diugh cha ’n eil iad mor ann a’ s treasa na na Liberals. Aireamh Sluaigh Chanada. Tha luchd-àireamh an t-sluaigh an deigh faotainn cho fad air adhart leis an obair ’s gu ’n teid aca air àireamh sluaigh na dùthcha, nan roinnean agus nam bailtean a nise innse le cinnt. Bha beagan mhearachdan anns na cùnntais a thug iad a mach ’s an t-samhradh s’a chaidh. ’S e àireamh sluaigh Chanada uile gu léir, 5,369,666. Tha sluagh nan Roinnean mar a leanas: Eilean a’ Phrionnsa 103,259 Nobha Scotia 459,564 New Brunswick 341,120 Cuebec 1,648,897 Ontario 2,182,942 Manitoba 254,947 Columbia Bhreatunnach 177,272 An Iar-Thuath 158,941 Yukon 27,167 Sgìreachdan eile 25,546 Ni so àireamh buill na h-àrd-phàrlamaid na ’s lugha na tha i aig an àm so. A réir an lagha tha trì fichead is coig fear-pàrlamaid ri bhi aig Cuebec, agus bidh fear-pàrlamaid aig na Roinnean eile air son gach 25,367 dhe ’n cuid sluaigh—an àireamh a tha aig Cuebec mu choinneamh gach aon d’a luchd-pàrlamaid féin. Air an dòigh so bidh aig gach Roinn de Chanada anns a phàrlamaid mar a leanas: Columbia Bhreatunnach, 7; an Iar-Thuath, 6; Manitoba, 10; Ontario, 86; Cuebec, 65; New Brunswick, 13; Nobha Scotia, 18; Eilean a’ Phrionnsa, 4; Yukon, 1. Tha da cheud us tri deug ( 213 ) a’ suidhe anns a’ phàrlamaid aig an àm so. Nuair a theid an roinn ùr a dheanamh, cha bhi innte ach da cheud ’s a deich. Caomhainn t’ Airgiod. BU chòir do gach duine a dh’ fheumas, le fallus a ghruaidh, a theachd-an-tir féin a chosnadh, beagan a chur mu seach air son an latha fhliuch—la a dh’ fhaodas teachd air na h-uile an uair a’s lugha a shaoileas iad. Is e an seol a’s fearr chum so a dheanamh, beagan a chur anns a’ bhanc-caomhnaidh, far an tog e riadh, agus far an gleidhear cruinn r’a cheile e. Anns an àite sin tha e an comhnuidh tearuinte, agus deas gu làmh a chur air ri h-uchd feuma. An toiseach, ma ta, dean dichioll air cho beag ri dolair a chur ri cheile; thoir an banc ort leis, agus gheibh thu an sin leabhran anns an sgriobhar sios am dolair agad ri d’ chreideas, agus anns am bheil comas agad tuilleadh a chur an uair a chosnas tu e. Uime sin, dean dichioll air beagan a chur gu riaghailteach a’ d’ leabhran gach mios, no gach seachduin, ged nach biodh ann ach an dolair fhein. Cha tuig neach sam bith gus am feuch so e, cia co furast ’sa a tha e airgiod a dheanamh air an doigh so, agus tha fios aig na h-uile nach furasta dhèanamh air doigh eile. An uair a thoisicheas duine air suim bheag a ghleidheadh mar so, tha toil-inntinn aige ann a bhi ’faicinn gu ’m bheil a chuid airgid a’ fas mor gu ’n fhios gu n aire dha, agus ni e strith chum a mheudachadh. Cuiridh e a nis, le lan chridhe, anns an leabhran, an tasdan a rachadh roimh sin le gleadhraich ’s an stop. Tha ’n cleachda taitneach so a’ teagasg do na h-uile a bhi curamach, measarra agus stuama. Cuiridh iad cul ris gach milleadh, ana-measarrachd, agus uile laithean am beatha bithidh iad taingeil air son a’ chaochlaidh a rinneadh air an giulan, agus air an droch-cleachdannaibh. Cha ’n urrainn neach a thuigsinn an toiseach ciod a’ bhuannachd a ta ann do theaghlach sam bith, an uair a bhios ceannard an teaghlaich sin curamach agus glic ann a bhi ’gleidheadh, agus a’ cur ma seach beagan an drasda ’s a rithist air son an àm ri teachd. Is cruaidh agus is duilich an obair do chosnach bochd airgiod a dheanamh, ach tha e moran ni ’s dorra dha an t-airgiod sin a ghleidheadh an deigh a dheanamh. Uime sin, ’s e gliocas gach neach aig a bheil a’ bheag no mhor an ceann na seachdain mar thuarasdal air son a shaoithreach, earrann bheag dheth a chur ’s a’ bhanc-caomhnaidh, agus gun fhios gun aire dha, fàsaidh e mor. Cha do ghabh neach aithreachas riamh air son gu ’n d’ rinn e so. Gu robh iad lionmhor am measg nan Gaidheil a smaoinicheas air so. [TD 174] [Vol. 10. No. 23. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 171). Tha meas mor air Sgiobinnis mar aite ’chur seachad cuairt-shamhraidh, agus air an aobhar sin tha ’n t-àite làn do choigrich anns an t-samhradh. ’S e so, tha mi ’n dùil, is aobhar gu ’m bheil a Bheurla togail a ceann, air chor agus nach ’eil ach gann facal Gaidhlig aig an òigridh. Tha ’m paipeir a tha ’n so ’na dearbhadh co-dhiù gu ’n d’ rinn cuid do phàrantan an dleasdanas d’ an cloinn, agus tha mi dearbhte gu ’n lean a chlann sin eisimpleir am pàrantan ann a bhi teagasg do ’n àl a ta ri teachd an cànain mhathaireil. Cha do chuir mise riamh meas air mo dhachaidh gus an d’ thainig mi a Ghlascho, ach a nis tha m’ uile mhiann as a dheigh. Tha smuain mo dhachaidh agus muinntir mo ghaoil an sin a cuimhneachadh orm agus ag ùrnuigh air mo shon, mar acair dhomh agus mar thogail do m’ chridhe am measg iorghuill a bhaile-mhoir. Bidh cor’ uair farmad agam ris a mhuinntir aig am bheil an dachaidh anns a bhaile agus am muinntir dlùth dhaibh, ach ’n uair a thig an samhradh agus a theid mi dh’ fhaicinn nan càirdean bidh mi faicinn aobhar taingealachd ann an dachaidh bhi idir agam gu ’dhol a dh’ ionnsuidh, agus tha so g’ am chuideachadh a bhi toilichte le m’ staid. Is maith a chuir Calum Mac Pharlain ann an rann mo smuainte-sa mu mo dhachaidh, mar a leanas:— “Seall thall thar an aiseig, am fasgadh nan craobh, Am bothan beag glan ud, ’s e gealaicht’ le aol; Siod agad mo dhachaidh—’s i dachaidh mo ghaoil, Gun chaisteal ’s an t-saoghal a’s fearr leam.” Ann an co-dhùnadh their mi mar a thuirt an Salmadair mu Ierusalem: “Ma dhichuimhnicheas mise thusa, a Sgiobinnis, dichuimhnicheadh mo làmh dheas a seòltachd. Leanadh mo theangadh ri m’ ghial, mur cuimhnich mi ort, mur fearr leam Sgiobinnis na m’ aoibhneas a’s àirde.” Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. X. CHO luath ’s a rainig Abon Hasan dorus a thaighe fhein ghairm e air a mhath air, agus dh’ òrdaich e an solus a lasadh. Dh’ iarr e air an righ suidhe air sofa, agus shuidhe fhein ri ’thaobh. An ceann beag an uine thugadh a steach an t-suipear, agus shuidh e fhein ’s an righ aig a’ bhord, agus thoisich iad air a ghabhail. An uair a chuir iad crioch air an t-suipear, thug mathair Abou Hasain air falbh na soithichean bhar a’ bhuird, agus an uair a chuir i measan is fion is glaineachan air a bhord, cha d’ thainig i steach do ’n t-seomar tuilleadh. Lion Abon Hasan a ghlaine fhein an toiseach, agus ’n a dheigh sin lion e glaine do ’n righ. Agus an deigh dhaibh greis a thoirt air ol, agus air comhradh mu thimchioll caochladh nithean, thug an righ an aire gu ’n robh Abou Hasan a’ fas gu math blath, agus dh’ fheoraich e dheth an do ghabh e riamh gaol air te sam bith. “A bhrathair,” ars’ Abou Hasan, ’s e ’smaointean gu’n robh an duin e a bha ’bruidhinn ris anns an aon inbhe ris fhein, “B’ e mo bharail riamh nach robh ann an gaol agus ann am posadh ach daorsa do nach robh mi toileach aig a sam bith mi fhin umhlachadh. Agus feumaidh mi aideachadh dhut nach do ghabh mi tlachd do rud sam bith ach fion agus cuideachd chridheil; a dh’ aon fhacal, b’ e mo thlachd a bhith subhach maille ri mo chairdean. Ach air a shon sin, feumaidh mi aideachadh nach ’eil mi cho fad an aghaidh pòsaidh ’s nach gabhainn tlachd de bhoirionnach a bhiodh cho maiseach agus cho tlachdar ris an té a chunnaic mi as mo chadal an oidhche mhi-shealbhach ud a thug mi aoidheachd dhutsa an toiseach, agus a dh’ fhàg thu ’n dorus fosgailte. Chuireadh i an oidhche seachad comhladh rium ag ol, a’ gabhail oran, a’ cluich air inneal-ciuil, agus le comhradh taitneach a bheireadh toileachadh dhomh. Tha mi ’creidsinn gu ’n gabhainn tlachd mor d’ a leithid sid de bhoironnach, agus tha mi ’smaointean gu ’m bithinn gle thoilichte comhladh rithe. Ach c’ aite am bheil a leithid sid de bhoirionnach ri ’faotainn ach an luchairt an righ, no ann an taighean ard mhaithean na rioghachd, far nach ’eil feum aca air airgiod gus an cumail suas? Is fhearr leam, air an aobhar sin mi fhin a thoileachadh leis an doigh a th’ agam, oir is e moran a’s saoire dhomh.” An uair a labhair e na briathran so, lion e glaine dha fhein ’s do ’n righ, agus thuirt e: “So, gabh do ghlaine, agus cuireamaid an uine seachad gu taitneach, toilichte air an doigh so.” An uair a dh’ òl iad am fion, thuirt an righ: “Is bochd an gnothuch gu ’m biodh duine cho gasda riut a’ cur seachad na h-uine ’nad ònar agus tu ’g radh gu ’m bu toigh leat a bhith ann an cuideachd nam mnathan-uaisle.” “Is fhearr leam gu mór a bhith ’cur seachad na h-ùine gu socrach, sàmhach mar a tha mi na bean a bhith agam,” ars ’Abou Hasan; “is dòcha nach biodh i cho briagha ’s bu mhath leam, agus ged a bhiodh i briagha gu leòr, is dòcha gu ’m biodh droch nàdar agus iomadh cron eile innte. Lean iad air còmhradh agus air òl ùine mhath, agus an uair a chunnaic an righ gu ’n robh Abon Hasan air fàs gu math blàth leis an fhion, thuirt e: “Leig thusa leamsa, agus theid mi an urras dhut gu ’m faigh mi bean dhut a chòrdas riut gle mhath.” An sin rug e air a’ ghlaine aig Abon Hasan, agus an àm dha ’bhith ’g a lionadh leis an fhion, chuir e rud dhe ’n fhùdar innte mar a rinn e roimhe, agus an uair a thug e dha i thuirt e: ‘So, òlamaid air slàinte na mna-uaisle maisich, a tha gus do dheanamh sona. Tha mi cinnteach gu ’n còrd i riut.” An uair a rug Abon Hasan air a’ ghlaine, rinn e gàire, agus chrath e ’cheann, agus thuirt e: “Biodh a’ chùis mar sin fhein; o ’n a tha thu ga ’iarraidh orm, cha ’n urrainn mi ’bhith cho mi mhodhail ’s gu ’n diùlt mi do chomhairle ghabhail ann an gnothach cho suarach, o ’n a tha thu ’nad dhuine tlachdar. Olaidh mi air slàinte nan mna-uaisle a tha thu ’gealltainn dhomh, ged a tha mi gle riaraichte leis an staid anns am bheil mi; ach cha ’n eil mi ’cur earbsa sam bith ’nad ghealladh.” Cha bu luaithe a dh’ òl Abon Hasan am fion na thuit e ann an cadal trom mar a rinn e roimhe, agus thug an righ òrdugh d’ a sheirbhiseach a thoirt leis air a mhuin do ’n lùchairt. Rinn an seirbhiseach so. Agus o nach robh dùil aig an righ Abon Hasan a chur air ais mar a rinn e roimhe, dhùin e an dorus mar a gheall e. An uair a ràinig iad an lùchairt, dh’ òrdaich an righ Abon Hasan ach ’na shineadh air sofa anns a’ cheathramh talla—an talla as an d’ thugadh air falbh e ’na chadal mios roimhe sid. Ach dh’ òrdaich e an toiseach an t-éideadh rioghail a chur uime; agus rinneadh mar a dh’ òrdaich e. An sin chur e ’h-uile duine ’chadal, agus thug e òrdugh gu ’m biodh na h-oifigich, na seirbhisich, nan mnathan-uaisle, agus an luchd-ciùil a bh’ anns an talla an uair a dh’ òl e a’ ghlaine fhiona a chuir ’na chadal e, anns an talla ann an soilleireachadh an latha, agus an aire mhath a thoirt gu ’n deanadh iad an dleasdanas gu math. An sin chaidh e fhein a chadal, agus thug e òrdugh teann do Mhesrour a dhùsgadh mu ’n rachadh iad do ’n talla, a chum gu ’m falaicheadh e e-fhein anns a’ chlòsaid mar a rinn e roimhe. Aig an uair ainmichte, dhuisg Mesrour an righ agus gun dail sam bith chaidh e do’n talla far an robh Abon Hasan ’na chadal gu trom. Agus an uair a chaidh e am falach anns a’ chlòsaid, chaidh Mesrour, na h-oifigich eile, na mnathan-uaisle, agus an luchd-ciùil a steach do ’n talla, agus sheas iad timchioll an t-sofa air a leithid de dhòigh ’s gu ’m faiceadh an righ anns a’ chlòsaid a h-uile car a bhiodh a’ dol air adhart. An uair a chuireadh gach ni ann an òrdugh, agus a chaill am fùdar a bhrigh, thòisich Abon Hasan ri dùsgadh gun a shùilean fhosgladh. Anns a’ mhionaid thòisich an luchd-ciùil ri seinn ’s ri gabhail òran gu h òrdail, fonnmhor, binn. Ghabh Abon Hasan ioghnadh an anabarrach mór an uair a chual’ e an ceol ’s na h-òrain; ach an uair a dh’ fhosgail e ’shùilean, agus a chunnaic e na mnathan-uaisle ’s na h-oifigich mu ’n cuairt dha, agus a dh’ aithnich e gu ’m fac’ e roimh’ iad, bha ioghnadh do-labhairt air. Ar leis gu ’m b’ e sid a’ cheart thalla agus an robh e an uair a chunnaic e a’ cheud bhruadar, agus thug e an aire gu ’n robh na soluis agus an t-innsreadh air a’ cheart dòigh. Stad an luchd-ciùil, a chum gu ’m faigheadh an righ cothrom air aghaidh Abon Hasain ’fhaicinn, agus gu ’n cluinneadh e ciod a theireadh e. Bha na h-uile a bh’ anns an talla ’nan tosd. Thug Abon Hasan greim as a mheòir, agus ghlaodh e cho cruaidh ’s gu ’n cual’ an righ e: “Ochan! tha mi rithist air tuiteam anns a’ cheart bhruadar ’s anns a’ cheart mhealladh anns an do thuit mi o chionn mhios. Agus faodaidh mi ’bhith cinnteach gu ’n gabhar orm slait mar a rinneadh roimhe, agus gu ’n cuirear ann an cèis iaruinn ’s an taigh-chaoich mi mar a rinneadh roimhe! A Dhe uile-chumhachdaich, tha mi ’g am chur fhin air do churam, agus ’g am earbsa fhin ri do fhreasdal naomh. Is e ’n duin’ aingidh do’n tug mi aoidheachd an raoir a tha ’na mhathair-aobhair ’air a’ chuis-mheallaidh so, agus air a’ chruaidh-chas a th’ agam ri fhulang. Gheall an creutair neo-thaingeil gu ’n duineadh e ’n dorus ’na dheigh an uair a dh’ fhalbhadh e, ach cha d’ rinn e mar a gheall e. Thainig Satan a steach, agus chuir e mo cheann troimh a cheile leis a’ bhruadar mhollaichte so, a tha ’toirt orm a chreidsinn gur mi Ceannard nan Creidmheach, agus a tha ’cur iomadh samhladh mealltach eile fa m’ chomhar. Gu ’n cuireadh Dia fo smachd thu a Shatain, agus gu ’m pronnadh e thu fo na beanntan.” An uair a labhair Abon Hasan na briathran so, dhuin e ’shuilean, agus bha e car uine gle shamhach agus ’na bhreislich gle mhor. An sin dh’ fhosgail e iad a rithist, agus an uair a dh’ amhairc e air gach ni a bha mu ’n cuairt dha, agus ioghnadh air, ghlaodh e an dara uair. “A Dhe mhoir! tha mi ’cur m’ earbsa gu buileach ’nad fhreasdal. Gleidh mi o bhuaireadh Shatain.” An sin dhuin e a shuilean a rithist, agus thuirt e: “Tha fhios agam ciod a ni mi. Caidlidh mi gus an till Satan uam mar a thainig e, ged a dh’ fheithinn gu feasgar.” Cha d’ thug iad uine dha gu cadal a rithist, mar a bha e ’gealltainn dha fhein oir thainig Neart nan Cridheachan, te dhe na mnathan-uaisle a chunnaic e roimhe, far an robh e, agus an uair a shuidh i laimh ris air sofa, thuirt i gu modhail ris: “A Cheannaird nan Creidmheach, tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n toir sibh mathanas dhomh air son mi ’ghabhail orm fhin innseadh dhuibh, nach ’eil math dhuibh cadal. Tha toiseach an lath’ ann, tha ’n t-am agaibh eirigh.” [TD 175] [Vol. 10. No. 23. p. 7] “Bi falbh, a Shatain,” ars’ Abon Hasan ’s e togail a ghuth. Ach an uair a sheall e air a’ mhnaoi-uasail, thuirt e; “An ann riumsa a tha thu ’g radh Ceannard nan Creidmheach? Cinnteach gu leor tha thu ’g am ghabhail ann an riochd cuideigin eile.” “Is ann do bhur morachd a tha mi ’toirt an ainm ud, ainm a bhuineas dhuibh mar uachdaran nan creidmheach anns an t-saoghal, agus is mise bhur searbhant’ umhail,” ars ise. “Gun teagamh sam bith,” ars’ ise, “tha toil aig bhur morachd ceol-spors a dheanamh an uair a tha sibh a’ leigeadh oirbh nach ’eil fhios agaibh co sibh, ar neo chunnaic sibh bruadar a chuir drugh oirbh. Ach nan fosgladh sibh bhur suilean dh’ fhalbhadh an ceo a tha ’cur dallaidh air bhur n-inntinn agus gheibheadh sibh sibh fhein ann bhur luchairt fhein air bhur cuartachadh le oifigich, agus le seirbhisich, a tha ’feitheamh ri umhlachd a thoirt do bhur n-àithne. Agus a chum nach bi ioghnadh air bhur morachd a chionn sibh fhein fhaotainn anns an talla so, an aite bhith anns an leabaidh, ceadaichibh dhomh innseadh dhuibh, gu ’n do thuit sibh ann an tiotadh ’n ’ur cadal a’ raoir, agus o nach robh toil againn bhur dusgadh gus bhur toirt do ’r leabaidh fhein, chuir sinn sibh gu curamach air an t sofa so.” A dh’ aon fhacal, labhair i ris na h-uiread de bhriathran a bha cho coltach ris an fhirinn, gus mu dheireadh an d’ eirich e ’na shuidhe. An uair a dh’ fhosgail e ’shuilean, ’sa dh’ amhairc e oirre, dh’ aithnich e gu ’m fac’ e roimhe i fhein agus na mnathan-uaisle a bha lathair maille rithe. Thainig iad uile dluth dha, agus thoisich an te a bha ’labhairt ris ri bruidhinn mar so; “A Cheannaird nan Creidmheach, agus fhir-ionaid an fhaidh air thalamh, na biodh gruaim agaibh rium a chionn innseadh dhuibh aon uair eile, gu ’m bheil an t am agaibh eirigh, oir tha ’n latha ’teannadh ri soilleireachadh.” “Tha thu ’cur dragh gu leor orm le d’ bhruidhinn,” ars’ Abon Hasan, agus e suathadh a shuilean, “cha mhise Ceannard nan Creidmheach, ach is mi Abon Hasan. Tha fhios agam air so gle mhath, agus cha ruig thusa leas feuchainn ri toirt orm a’ chaochladh a chreidsinn.” “Cha ’n aithne dhuinn an t-Abon Hasan air am bheil bhur morachd a’ bruidhinn, agus cha mho na sin a tha sinn ag iarraidh eolas a chur air,” ars’ a’ bhean-uasal; “ach tha fhios againn gur sibhse Ceannard nan Creidmheach, agus cha toir sibh oirnn a’ chaochladh a chreidsinn.” Iadsan a Phaigh. Domhnull Mac Gillemhaoil, Priceville, Ont. Dughall Mac Gilleain, Priceville, Ont. Iain I. Mac Rath, Martintown, Ont. A. M. Caimbeul, Aldboro, Ont. Padruig Mac Gilleain, Tolsta, Que. M. A. Mac Aoidh, Kutawa, Assa. Bean A. Mhic-a-Phearsain, Grenfell, Assa. Niall Seathach, Tarbert, ’s na h-Earradh. Deorsa Mac Coinnich, Milton, N. Dakota. Mairi Dhomhnullach, Milton, N. Dakota. F. A. Domhnullach, Milton, N. Dakota. Martainn Mac-a-Phearsain, Caspar, Cala. I. S. Ros, Caspar, Cala. A. Mac Coinnich, San Francisco, Cala. Alasdair Martuinn, Valleyfield, E. P. I. Donnacha Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn. An t-Urr. I. C. Mac Gillemhaoil, Cardigan. Iain R. Siosal, Meinn Acadia, N. S. Alasdair Caimbeul, Brook Village. Aonghas G. Domhnullach, S. W. Margaree. A. I. Mac Dhiarmaid, Loch Side. Domhull I. Mac Neill, Cul Iona. Cailean Caimbeul, an Abhainn Mheadhonach. Donnachadh Mac Fhionnlaidh, L’Ardoise. Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit. Aonghas Mac Cuithein, Framboise. Peigidh Mhathanach, Goose Cove. Tearlach Caimbeul, Ceap Nor. Iain C. Mac Neill, Narrows Mhora. Iain B. Gillios, Gleann nan Sgiathanach. Domhull M. Mac Neill, Eilean Christmas. Alasdair I. Mac Isaic, Port Hood. Eos. A. Mac Fhionghain, Narrows Mhora. D. I. Mac Ascuill, L’Ardoise. Aonghas Domhnullach, S. W. Ridge. Alasdair D. Domhnullach, Mabou Bheag. An t-Urr. Iain I. Mac Neill, Iona. Oran do dh’ Eilthireach. LE BAINTIGHEARNA D’ OYLY. SEISD— Tha mo chridhe trom, trom, Cha ’n éirich leam fonn, Bho’n dh’fhalbh an long bho thir; Tha i nis fo sheol, ’S gaol mo chridhe air bord, Gun dùil gu ’n till e chaoidh. Tha e nis air falbh uam, Coig mios’ air a’ chuan, Gu ’n dùthaich ùr, uaine, fada thall, For bheil pailteas spréidh air aonach, ’S na ceudaibh mile caorach, A’s obair ri fhaotainn ann. Thug mo rùn gealladh dhomhsa, Gu ’n deanadh e mo phosadh, ’N uair bhitheadh aige storas a’s ni, ’S nach deanadh e mo dhi-chuimhne, ’S gu ’n cuireadh e ga m’ iarraidh, An ceann da bhliadhna do thim. O, ’s trom leam bhi fàgail Na tir an d’ rinneadh m’ àrach, Mo fhineadh ’s mo chàirdean gu léir, Ach ’s mor a tha mi ’n dùil, Nach fad gu ’n cuir iad cùl rith’, ’S gu ’m bi iad uile falbh na m’ dhéigh. Leam ’s cianail tir m’ eolais, Gun aighear, gun solas, Gun mhire, gun cheol, gun danns’, Tha na h-uachd’rain air ’fàgail, Cha ’n urrainn sinn bhi tàmh innt’, ’S e a nis air a reic do ’n Ghall. Tha Ghàidhealtachd, ’s Eirinn Fo dhoruinn ’s fo éigin, ’S an Gall bho thir gu tir, Na miltean a’ cur sùrd orr’, ’S a’ toirt na dùthch’ ùir orr’, Mu ’n téid iad uile dhith. O, Ghàidhealtachd ghaolach! Nan cladach ’s nam faoileann, Nan innis ’s nan aonach uaine, Nam beannaibh mora, àrda, Nan luingeas ’s nam bàta, Tigh’n fo sheol bho àird a’ chuain. O, Ghàidhealtachd àluinn! Nan eilein ’s nan àrdach. Nan caisteal air bhàrr gach bruach, Nam fleasgach ùr meamnach, Bu deise bha ’n Alba— Mo chreach mar a dh’ fhalbh iad uainn! O, Ghàidhealtachd dhealbhach! Nan coille a’s nan garbhlach, Nan coire gu sealg an fhéidh, Tir iolair nan creag mor i, ’S gach eun ’s a binne comhradh, Gu smeorach air bharr nan geug. O, Ghàidhealtachd chàirdeil! Nan ceud mile fàilte, Mo bheannachd ’s mo ghràdh ort a chaoidh, Tir nan saighdeirean ainmeil, Thug barrachd air gach armailt An cogadh an arm an righ. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phìoban uisge agus blàthachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine air am bheagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 176] [Vol. 10. No. 23. p. 8] Oran Gaoil Do nighinn Fear Thir na Drise, le Mac Fear Dhail an Easa. Tha mi ’n so ann am laighe ’N leaba chumhainn, chaoil chlàraidh; Tha mo cheann air a lionadh Le trom fhiabhras mi-nàdarr’. Is cha ’n fhuachd is cha teas dhomh, ’S cha ’n fheil fios ciod a chràidh mi; ’S ann tha toiseach mo ghalair Mu mo sgamhan ’s mu m’ àirnean. Thoir mo shoraidh null thairis Gu mo leannan do ’n Bhraighe, Nuair a chluinneas i ’n aithris ’S ni nach math leath’ mar tha mi. Mi gun sùgradh; gun aiteas; ’ S e a chleachd mi a h-àbhachd. Gur h-e’ cumha do phoige ’Ghaoil, a leon thun a bhàis mi. Ged bu shocrach mo leaba, Cha bu chadal an raoir dhomh, Is nach d’ fhuaras tu agam Ann an taice ri m’ thaobh innt’. ’N àm dhomh dùsgadh ’sa mhaduinn Bha thu fada bho m’ ghlaodh riut. ’S mor a b’ fheairde mi agam Aon aiteal dhe d’ chaoin chruth. Cha ’n e ro mheud do nithe A tha mise ’sior iargainn, Ach bhith ’m laighe ’n so ’m aonar, ’S mi ri smaointinnean diamhain. Gheibhinn bean anns an tir so Dha bheil ni de shiol Diannaid; Ach le ro mheud mo ghràidh dhuit Gum bi dàil aic’ am bliadhna. Tha mi lionte le sprochd, A ghaoil, bho thoiseach mo cheist ort; ’S their gach neach de mo sheorsa Gur a goraich’ nach beag sin, Mur gabh laigse na feola Is an oige mo leisgeul; Bho ’n thig ugainn gun iarraidh Gaol, is iadach, is eagal. ’S truagh nach robh mi ’s mo leannan Anns a ghleannan an uaigneas, No sa bhadan bheag choille, Far an goireadh na cuachan, Is tu sìnt’ ann am bhreacan, Dluth phaisgt’ ann am shuanaich; ’S mi gum faigheadh gu deonach, ’Ghaoil, do phog is cha b’ fhuathach. Gur diombuidheach mi ’t’ athair, Dhe ’luchd-taighe ’s dhe d’ chàirdean, Bha le ’n litrichean breugach A sior reubadh do ghràidh bhuam. Bha an dream dhe ’n robh mise Làn de mhisnich ’s de dh-àrdan. ’S e ar cumail bho chéile Dh’ fhag fo éislein gu bràth mi. Oran Le nighinn Fear Thir na Drise do mhac Fear Dhail an Easa. Ged a chaidh mo phosadh Cha bu deonach mi-fein air; Nuair a sheall mi am dheaghaidh ’S e mo roghainn a thréig mi. Oigfhir ùir a chùil ghasd’, Bu tu mo thaitneachdainn céile; ’S truagh, a ghaoil, gun mi mar-riut Air mo sparradh fo ’n déile. Ged thig fear mo thaigh’ dhachaidh Cha dean mise ris fàilte; Cha dean mi ris cridhealas, Bruidhinn no gàire. Tha e ’n nochd ’s a cheann iseal, ’M fear nach diobradh air m’ fhàilinn; ’S dh’ fhàg sud mise fo éis ein Fad mo ré is mo làithean. Tha mo chion air an fhleasgach Dhonn, leadanach, bhoidheach, De an fhine nach striochdadh, De dh’ fhion-fhuil Chlann-Domhnaill. ’S ann a ghabh mi mo chead diot Aig an eaglais Di-domhnaich; ’S ged nach d’ fhaod mi bhith cainnt riut Bha a shannt na bu leoir orm. ’S truagh, a ghaoil, nach h-e mise ’Bha gun fhios air do chulaobh, An àm togail na lice Agus brisdeadh na h-ùrach. ’S mi nach iarradh de chiste Ach do shlios a bhith dlùth rium.— Sgeul mo sgaraidh ’s mo leiridh ’S ann do ’n eug ’thug thu cunntas. Bu Domhnullach de theaghlach Ghlinne Comhann mac fear Dhail an Easa. Bha gealladh posaidh eadar e-fein agus Mor Dhomhnallach, nighean Raonaill Mhoir Thir na Drise. Cha robh Raonall Mor ag iarraidh gum posadh a nighean Mac Fear Dhail an Easa. Bhiodh a cuideachd a deanamh greim air na litrichean a bha a leannan a cur gu Móir agus a cur litrichean breugach nan àite. Bha iad a saoithreachadh ri ’thoirt a chreidsinn oirre gu ’n robh a leannan a fàs suarach uimpe. Thainig déirceach do Thir na Drise a dh’ innis do Mhóir gun robh Mac Fear Dhail an Easa an déidh posadh. Chreid M r e agus phos i am fear a bha a h-athair ag iarraidh oirre a phosadh. Fhuair i am mach an ùine ghoirid gun deach a mealladh. Chuir am bron as do Mhac Fear Dhail an Easa. Cha b’ fhada bha Mór beo na dhéidh. Chaidh an amhlacadh le cheile an Eilein Mhùngo. Dh’ fhàs craobh as gach uaigh. Dh’ aom an darna craobh a dh ionnsuidh na craoibhe eile agus shnaoim iad gu dlùth ri chéile. Bu truagh an diol a rinneadh air Móir nighean Raonuill ’s a leannan. Is gorach, mallaichte an obair nighean a cho-eigneachadh gu fear a phosadh nach h-fheil i ag iarraidh. Tha cuid ag ràdh gur h-e Mac-Phail a bha san duine ris an robh Mór air a posadh. Tha cuid eile ag radh gur h-e Mac-Mhuirich a bha ann. Dh’ innis an déirceach na briagan do Mhóir; ach bha e air a chur a suas ris a sin leis an fheadhainn a bha ’n aghaidh Mac Fear Thir na Drise. SEAMRAG. Oran Le Domhnall Donn, mac Fhir Bhoth Fhiunndain ’nuair a bha e ’sa phriosan. Gura mi ’th’ air mo sgaradh Bho thoiseach an earraich; Tha mo chas air a sparradh bho dhéile. Gura mi, &c. B’ fhearr gun digeadh an t-aiteamh Is gum falbhadh an sneachda, Is gun teannadh gach aigneadh ri ’chéile. B’ fhearr gum faicteadh mo chàirdean ’Tigh’nn a staigh le Creig Phadruig, Is cha b’ fhada ’bhiodh cabhsair ga ’réiteach’. ’S iad a chuireadh an gradan Ri dùthaich nan adag; Cha ’n fhagadh iad caisteal ri ’chéile. ’S iad gun cuireadh an sgùradh Fo luchd nan gruag fùdair; Cha ’n fhàgadh iad lùth an coig ceud diu. Bhidhinn cinnteach a ’r cruadal ’N àm a chlaidheabh a bhualadh; Chuirteadh laigh’ air na Tuathaich nach éireadh. Bhidhinn earbsach a ’r dillseachd, Nach fàgteadh mi ’m priosan, ’S gum faighinn a risd air an réidhlein. Ach na ciurraibh an gobhainn, Ged a dh’ fhàgainn e ’m dheaghaidh; ’S ro mhath ’s aithne dhomh co e gan géill e. Tha e ’mhuinntir Mhic-Shimi, Sliochd an t-sàr cheann-cinnidh ’Nuair a thàrladh gach fine ri ’chéile. Luchd nam breacanan loinneil, Is nan claidheannan soilleir, Nach robh riamh am brath-foille ’Righ Seumas. Tha sibh ’m barail an dràsda Gu bheil Sim agaibh caillt’, Ach bidh e fhathast air cabhsair Dhun-eideann. Olc air mhath le ’r luchd-diùmba, Bidh sibh ’n uachdar na cùise, ’S bidh fir Atholl a cùnntas an léir-chreach. “Gun teannadh gach aigneadh ri cheile.” Bha Domhnull Donn agus Cola na Ceapich am mach air a chéile. Bha Iain Lom cuideachd an aghaidh Dhomhnuill Duinn.—“An gobhinn.” Bha Frisealach a bha na ghobhinn ann sa phriosan comhla ri Domhnull Donn. “Fir Atholl.” Bha Mac Shimi agus Diùc Atholl am mach air a chéile. Chaidh Domhnall Donn a chur gu bàs. Fhuair mi an t-oran bho Alasdair an Ridge. GLEANN-A-BHAIRD. Na dean Mearachd Rubbers DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR air na prisean a’s ìsle ann an —STOR— REDDEN, Ross Block, Sidni. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Uidheamaich .....t’ EACH le acuinn a tha freagairt dha gu comhfhurtail. Co-dhiu tha acuinn throm no aotrom a dhith ort, paighidh e dhut a ceannach uainne. Tha gach seors’ acuinn a tha againn laidir agus buan; mar an cendna na Sleigheachan, na Béin, na Cuig, na Bratan, agus na Cuipichean, dhe ’m bheil againn seorsachadh eireachdail. Tha na prisean againn daonnan ceart. Taghail oirnn airneo sgriobh ugainn. F. FALCONER & SON, SIDNI, C. B. [TD 177] [Vol. 10. No. 24. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 14, 1902. No. 24. Litir a Eilean a’ Phrionnsa. A CHARAID,—’S fhad’ o’n bha a rùn orm beagan fhacal a chur a d’ ionnsuidh, ach bha mi o àm gu àm a cur dàil ann, agus mar a thuirt an seanfhacal, “Thig dàil gu dearmad.” Tha mi ’creidsinn nach cuirinn làmh air peann an diugh air son an aobhair so, mar b’ e gu ’m faca mi litir Chaluim Bhig an dé anns a’ MHAC-TALLA. Gu ma slàn do Chalum Beag! Ma bhios e beò sgriobhaidh e litir shnasail fhathast. Tha MAC-TALLA a tighinn gu riaghailteach ugam uair ’s a cheithir-la-deug. Their mi so, ’s cha ’n ann a chionn gur ann riut fhéin a tha mi ga radh, an rud a theirinn ri cùl do chinn bheirinn dhut e sùil mu ’n t-sroin, cha ’n ’eil beò ’san linn ’sa bheil sinn a rinn uibhir air son ar cànain ’s a rinn thu, le bhi ’cur a mach do phaipear lurach gach seachdain. Mo nàire ’s mo mhasladh! thu bhi gun chùl taic agad bho Ghàidheil an t-saoghail mhòir mu ’n iath a ghrian na chumadh thu gun ’bhi ’n eiseamail sanaisean luchd-malairt air son MAC TALLA ’chumail suas. Tha cuimhn’ agad an uair mu dheireadh a choinnich sinn, gu ’n do dh’ innis thu dhomh gu ’n robh àireamh air da thaobh a chuain de d’ luchd-gabhail a bha air ais ann an cur an airgid ugad mar bu choir dhaibh. Nis, tha mise ag radh riut, cha ’n airidh iad gu ’m biodh a chùis air a chumail an cleth. ’S e gniomh maslach a th’ ann a bhi gabhail ’s a leughadh paipeir bho bhliadhna gu bliadhna gu ’ri dioladh air a shon. Biodh e aithnichte co tha ciontach de ’n ghniomh so a thaobh MHIC-TALLA. Thoir dhuinn ainmean a mhuinntir nach do phaigh mar tha thu a toirt dhuinn ainmean na feadhnach a phàigh. Na daoine gun diù gun onair! tha e ’toirt m’ fhuil a m’ aodann nuair smaoinicheas mi gur seorsa de Ghàidheil a tha annta. Ach “’s fhearrde brà mhaol a breacadh.” Tha mi ’faicinn gu bheil cuid diubh air gluasad suas gus an dleasdanas a dheanamh. Deanadh each mar sin ’s bidh gach cuis mar is còir. Cha ’n ’eil mi ’faicinn facal á Eilean a’ Phrionnsa anns a MHAC-TALLA anns na h-amannan so. Cha bu chòir sin a bhi mar sin. Ach ’s iomadh ni a dh’ fhaodas a bhi na aobhar air a bhàrr air dearmad. Bidh tu duilich a chluinntinn gu ’m bheil do charaid Murchadh Mac Laomain, no mar theireadh e fhein “Murchadh Cam,” na laidhe gu tinn. Tha sinn uile an dòchas gu ’m faigh e thairis air an tinneas so, agus gu ’n cluinn sinn uaithe mar aig amannan eile. Thug Alasdair Caimbeul, an Strath Lathurn, ann am chuimhne ni a chuala mi mu ’n Doctair Mac Leoid, nach maireann. Bha an Doctair ag ionndrainn pàirt de ’n choille dhe ’n fhearann aige, agus air dha coinneachadh ri nàbaidh dha thuirt e, “Innis thusa dhomhsa, ’Dhomhuill, co tha toirt an fhiodha bhar an fhearainn agamsa. Tha fios agam gu ’n innis thu ’n fhìrinn.” “Ma ta, a Dhoctair,” arsa Domhull, “cha ’n ’eil mis’ air mo phaigheadh gu bhi ’g innseadh na fìrinn mar tha sibhse.” Sin mar thachair do ’n Ollamh Mac Fhionghain (D. M‘K.)—tha e air a phaigheadh gu bhi ’sgriobhadh Gàidhlig. Cha toir sinn mar sin uiread taing dha air son cho math ’s is aithne dha sin a dheanamh. Ach cha dubhairt sin nach ’eil sinn taingeil dha air son na tha e a sgriobhadh anns a’ MHAC TALLA. Cha ’n ’eil naigheachdan agam dhut. “Is math an naigheachd a bhi gun naigheachd.” Mar thuirt thu fhéin: is fhearr beagan de naigheachdan fìrinneach na bhi fad latha leughadh naigheachdan air nach do chuir an fhìrinn fhathast eòlas; rud tha tric ri fhaicinn anns na paipeirean leathann a tha tighinn ugainn á iomadh àite. Tha mi cur da dhollar ugad anns an litir so: aon bho Alasdair Mac Mhanainn, ’s ged nach ’eil e sean ’s fhada o’n bha na h-oghaichean aige. Tha e fior dhìleas do ’n MHAC-TALLA. Mo lamhsa nach bi e ’m fiachan da. Tha ’n dollar eile o ghille òg, Aonghas Domhnullach, a ghabh uigh anns a’ MHAC-TALLA, agus a leughas e cho coimhleanta ’s a dheanadh a sheanair, Domhnull mac Phadraig, nuair ’bha e ’n tìr nam beò, agus dh’ fhoghnadh sin. Bu ghlan, deas a labhradh agus a leughadh ar caraide gaoil nach maireann cainnt a dhùthcha. Cha chan mi ’n còrr aig an àm. Is mi, mar bu ghnàth, do charaid. Strathalba, Ian. 29, 1902. C. C. Litir bho Abon Hasan. A SHAR CHARAID.—Na gabh eagal roimh ’n litir so, oir ’s cinnteach nach robh dùil sam bith agad ri guth bhuam, ged a tha thu fhéin gu math tric a bruidhinn ormsa. Ach ’s ann an càirdeas a tha mi ga ’sgriobhadh, agus le fìor dheagh dhùrachd dhut fhéin ’s do MHAC-TALLA. Thachair dhomh fhìn ’s do Cheannard nan Creidmheach ’s Fathach no dha a bhi dol seachad os cionn a bhail’ agad o chionn gealach no dha. Air dhuinn a bhi dol seachad air taigh an iomall a bhaile, chuala sinn gaireachdaich chridheil, agus dé ar n-ioghnadh an uair a chuala sinn ar n-ainmeannan fhìn ga luaidh. Dh’ éisd sinn, agus dé chuala sinn ach cuideigin a leughadh m’ eachdraidh fhìn ’s a MAAC-TALLA. Thuig sinn a chainnt mhilis gle mhath, oir bha sinn eòlach oirre ann a Bagdad an uair a bha ’n saoghal òg. Theab Ceannard nan Creidmheach a dhol as a chibhlean ag éisdeachd mu m’ thrioblaidean, an uair a bha dùil agam gu ’m bu righ mi, agus thubhairt e: “Abon,” ars’ esan, “Abon Hasan, feumaidh tu sgriobhadh gu MAC-TALLA agus taing a thoirt dha bhuamsa agus bhuat fhéin air son cho coimhlionta, pongail, agus cho fìor shoilleir ’s a tha ’n clo-bhualadh ’th’ air an sgeul. A bhàrr air sin,” ars’ esan, ’s e dèanamh lasgan gàire ’s g’ am bhualadh eadar an da shlinnean, “tha e toirt na m’ chuimhne iomadh rud a bha mi air a dhichuimhneachadh.” B’ ann air son sin, a charaid, a sgriobh mise so an cabhaig, le bior gual, mar a dh’ fhaodas tu fhaicinn; oir tha sinn air an rathad do Africa, ach bidh dùil againn tilleadh a h-uile da sheachdain a dh’ éisdeachd na sgeul gus am bi i ullamh. A nis, bu choltach gu ’m biodh fios aig duine cho sean riumsa air rud no dhà, a bhàrr air gun téid agam air sealltainn air aghaidh agus innse dé thachras ma thogras mi. Mar sin their mi ris na Gàidheil gun iad MAC-TALLA leigeil bàs le cion, oir ma leigeas cha ’n fhaic iad a leithid eile an da latha so. Ach bidh sùil choimheach, gheur agamsa ’s na h-oidhcheannan dorcha orrasan nach cuir ugad do chuid fhéin. A nis, tha Haroun a gabhail fadachd, ’s feumaidh sinn na sgiathan a thogail mu ’m bi mo mhàthair g’ am chronachadh. Bidh i ’g radh daonnan nach còir do chloinn a bhith ’muigh anamoch; ’s mar a bi mi stigh aig àm, bidh faileasan ’us ceò fuar mar bhiadh maidne aig do charaid dìleas ABON HASAN. Litir a New Zealand. THA ’n Tupaki no Tutu, lus puinnseanta a tha gu tric a marbhadh spréidh, nuair a tha iad ’san earrach le ’m bru falamh ag ithe gach ni a tha gorm, a’ fàs an àitean iosal, agus air bruachan uillt, ’na chraoibh bhig, mu dheich troighean a dh’ àirde, le meanglain mhora, agus na faillean a’ fàs o’n cinn, air am bheil an spreidh gle dhéigheil. Cha ’n ’eil an lus a fàs cho bras an dràsda; thatar a bràth cur as da, ach ann an àitean iomallach. Tha ’m beothach an déigh ithe fo bhreislich, coltach ri misg, agus ’s e an aon dòigh a thoirt thuige, a ghearradh an àite sam bith dhe ’cholunn, agus fàsaidh e gu math an tiota. Chaill mise damh a chosd fichead punnd leis an Tupaki. Bhi e teicheadh dhachaidh nuair a thainig e tarsuinn air an lus so. Bha mi àireamh làithean ’ga shireadh, nuair a thainig mi tarsuinn air a chlosaich aige. Chaidh damh obrach eile fhaotainn ionann ’s a bhi marbh, ach le faireachdainn a thoirt dha le ’ghearradh thainig e thuige. Tha e làn de dhearcagan a tha glé bhog agus moran sùigh annta. Tha na Maories a’ deanamh fìon dhiubh. Dh’ òl mi fhein am fìon, mar a dh’ innseas mi mu ’n sgur mi. Tha so puinnseanta cuideachd. Tha dubhan beag air a phòr a tha leantuinn ris an stamaig a tha toirt a bhàis. Feumaidh tu òl gun am pòr a chagnadh. Tha ’chuid eile neo-lochdach. Bha na paipearan a’ toirt cunntas air leanabh a bhàsaich le cus ithe de na dearcagan so. Cha mhor nach do thachair an leithid ceudua do chloinn òg ann an Wangarei, le ithe na meas toirmisgte so. Bha iad a dol dhachaidh as an sgoil, a coiseachd mu cheithir mìle gus a ghleann Wan-wan. Bha anns an treubh Aonghas, mac do Choinneach Mac Leoid (Ruadh), agus clann òg le Iain Domhnullach, (Iain òg Chalum). Bha aig a’ chloinn ri dhol troimh dhoire dhe ’n Tupaki, làn de dhearcagan abuich. Thog iad orra, le Aonghas a’ toirt misneach dhaibh nach deanamh e cron sam bith orra iad a dh’ ithe làn am broinne. Bha beagan de dh’ eagal air a chloinn nach robh iad a’ dèanamh ceart. An sin dh’ fhalbh Aonghas air thoiseach le spalp, agus labhair e ann am Beurla, “Coimhead sibh cho làidir ’sa tha mise mar tha.” Bha gu leor aige an deigh an ithe a dhachaidh a dheanamh. Cha robh a’ chlann eile cho dona; cha do dh’ ith iad cho mor dhiubh. Innsidh mi nis mu ’n turus a thug mi air mo chois gu Bagh nan Eileanan, no Kana Kana, an abhainn tha tighinn am mach aig ceann a bhagh. Cha ’n ’eil ’n t-astar ach mu cheithir fichead mìle bho ’n dà uisge. Dh’ fhalbh mi bho bhaile [TD 178] [Vol. 10. No. 24. p. 2] Whangarei. Bha rathad troimh Kaurihohori agus Hikurangi. Cha robh ach dithis a’ fuireach ’s an àite dheireannach, Domhnull Mac Leoid agus Alasdair a bhràthair, agus am muigh orra sin Coinneach Mathanach. Thog iad fearann mu bhliadhna no dha roimbe sin. Rainig mi àite Choinnich mu dhol fodha na gréine, air son cur seachad na h-oidhche. Bha a’ bhean a bleodhan. Nuair a chunnaic i mi’tighinn ghlaodh i ri ’companach, a bha car bodhar, “Seall sibh an straggler tha tighinn thun an taighe.” Cha robh fhios aice co bh’ ann. Bha moran de dhaoine fuadan a dol troimh ’n dùthaich anns an àm. Bha eallach orm de phlangaid no dha, airson fasgadh ri bhi muigh air an oidhche. ’S e neach gun mhothachadh a bhitheadh a’ smaoineachadh air coiseachd gun a phlangaid air a trusadh mu ’n cuairt air. Bha so còrr is deich bliadhna fichead air ais. An dràsda tha rathad iaruinn fagus air fad na slighe, agus carbaid le ceithir eich cuideachd. Thainig Domhnull Mac Leoid anns a mhadainn mhoich gu caoimhneil airson gu ’n seòladh e ’n rathad dhomh. Chuir e air adhart mi gu abhainn bhras, ach bha ’n t-uisge iosal innte, agus fhuair mi tarsuinn gu sàbhailte. Bha Maori a’ fuireach ri taobh na h-aibhne—an taigh mu dheireadh air an rathad. Thug bana-Mhaori cairt dhomh, air a tarruinn le peann-luaidhe, a’ seoladh an rathaid; bha e gle fheumail. Bha ’n teas anabarrach, oir ’s e mios a Ghearrain a bh’ ann, am mios is teòtha ’s a bhliadhna. Fhuair mi a null air na h-aibhnichean gu math. An aon àite bha ’choille fosgailte le moran de dhuilleagan air an làr, agus bha e duilich an rathad a dheanamh am mach. Thainig mi rithist do Chnoc Ruapekapeka. ’S ann an so a bha ’n cath mu dheireadh aig na Maories anns a’ cheud chogadh, anns a’ bhliadhna 1846. Chaidh mi troimh ’n àite so bho chionn choig bliadhna, a dol air ais bho ’n Bhagh. Bha mi rithist air m’ eòlas. Bha mi mu ochd mìle bho mo cheann-uidhe. Bha an rathad cuimseach math; oir chaidh a dhèanamh air son na gunnachan mora ’tharruinn gu blàr Ruapekapeka. Nuair a bha mi mu dha mhìle bho chala thachair Maori rium, agus an deigh fàilte chur air a cheile, thug e cuireadh dhomh gu caoimhneil gus an fhàrdaich; aige fhéin, astar beag air ais. Bha eallach air de shark grod. Thuirt e gu ’n robh aige shark malcaidh, agus gu ’n robh na Maories gle mhiannach air, ach nach fhaighinnsa pios idir dheth. Thug mi taing dha, ged a bha acras mor orm, agus thuirt mi ris nach robh mi idir déigheil air iasg grod. Bha e ’fuireach am muigh fo chraoibh mhoir, bean agus aon ghille òg aige. Thug e dhomh ri ithe buntàta agus isean beag, agus deoch—làn pinnt—de fhion an Tupaki. Rinn mi mo leabaidh eadar da fhriamhach, Anns a’ mhadainn rinn e aoradh. Leugh e caibideal anns an Tiomnadh Nuadh, air dòigh na h Eaglais Shasunnaich, a bhean a freagairt as a dhéigh. Thug e rithist ormsa caibideal a leughadh. Nuair a bha mi dol a chadal bha ’bhean agus an gille gu sùrdail a’ rostadh mir dhe ’n t-shark gus ithe. Bha ’n t-iasg coltach ris a bhioran-deamhnaidh, a bha cho pailt ann an St. Ann’s ri taobh a chladaich. Tha fios agam air na bioran a dhol troimh mo chasan lomnochd. Cha ’n ’eil bior na lann air an iasg so. Tha e tighinn an àird ’s na h aibhnichean gu pailt. Tha e gle mheasail aig na Sasunnaich agus cuideachd eile. Tha dòigh àraidh air a dheasachadh a tha neo chumanta blasda. Cha ’n ’eil mi idir a’ cur tàir air deasachadh is na bana-Mhaori. Ghabh mi cead le fear an taighe agus a bhean. Bha iad gle chòir rium. ’S e Di-dòmhnaich a bh’ ann. Cha robh cabhag mhor orm, agus ruig mi mo cheann-slighe roimh mheadhain-latha. Thill mi dhachaidh mu thri miosan an déigh sin air an rathad cheudna. Bha an aimsir na b’ fhionnaire, agus chuir mi an t-eallach (na plangaidean) dhachaidh air soitheach. Bha mi na b’ aotruime air son coiseachd. Bha mi comhla ri mo chàirdean ann an Kaurihohori air an oidhche. Tha aon ni mu na Maories, agus ’s e sin, bheir iad biadh do choigreach, gus a bhi còir. Bha sin ’na ’chleachdadh aig na seana Ghàidheil, mar tha air innseadh ann am bàrdachd Bhaltair Scot—“The Lady of the Lake.” Tha e ’toirt cunntas air Ridire Snowdon, a chaidh air chall nuair bha e ’sealg. Thàinig e gun fhios da air a bhothan aig Ruairidh Dubh. “Co thu?” Dh’ innis e dha. Bha amharus aige gur e nàmhaid a bh’ ann, agus an treubh uile fo ’n ruaig. Thuirt Ruairidh ris gur e lagh Dhia agus dhuine gu ’m feumadh e biadh agus fasgadh a’ thoirt do ’n choigreach. Chaidh sin a dheanamh, comhla ri leith na plaide agus companach leapa a dheanamh dheth, agus an rathad a sheòladh dha gu faodhail Coilantogle. Nuair a chaidh iad a null air an uisge, sheas e air a shàil agus thuirt e, “S mise Ruairidh Dubh!” ’s e tarruing a chlaidheamh. Bha iad a nis nan naimhdean. Agus mar sin air aghart. Tha daoine ionnsaichte a deanamh am mach gu ’n tainig e ’na chleachdadh aig na Maories troimh ’n sinnsireachd a leantuinn riutha gus an latha ’n diugh. IAIN ROTHACH. Rudha Mharstean. Daibhidh Stiubhard. LE IAIN. CAIB. III. BHA dlùth air còig bliadhna o’n a thòisich mi ri sùil a chumail oirre; agus ged nach duirt mi facal riamh rithe mu dheidhinn pòsaidh, gidheadh tha aobhar agam a bhith ’creidsinn gu ’n robh amhrus làidir aice gu ’n robh mi air tuiteam ann an trom ghaol oirre. An uair a bhiodh i ’bruidhinn rium bhiodh mo chridhe ’bualadh na bu luaithe na b’ àbhaist dha. Agus gus an fhìrinn ghlan innseadh, ged a thigeadh réiseamaid shaighdearan air mo chulaobh gun fhios domh, agus ged a loisgeadh iad urachair seachad air mullach mo chinn, cha bhiodh mo chridhe dad na bu luaithe na bhiodh e an uair a chithinn i agus a chuireadh i fàilte orm. Cha ’n ’eil teagamh nach do thuig i gu ’n robh mi anns an staid so. Leis an dòigh air am biodh i uaireannan a’ sealltainn orm, cha b’ urrainn mi gun a bhith ’smaointean gu ’n robh i ’miannachadh a radh: “Am bheil thu nis a’ dol g’ am iarraidh ri mo phòsadh, a Dhaibhidh?” Ach ’na dhéigh so gu léir, an uair a smaoinich mi gu ’n d’ rugadh ann an suidheachadh cothromach i, agus gu ’n d’ fhuair i àrach agus foghlum mna-uaisle, cha bu dàna leam tairgse pòsaidh a chur m’ a coinneamh; ach bha mi ’cur romham am muigh ’s am mach gu ’n cuirinn an tairgse m’ a coinneamh nam bithinn cho fortanach ’s gu ’m faighinn an dìleab ris an robh dùil agam. Agus mar so, cho luath ’s a fhuair mi an t-airgiod, ghrad sgrìobh mi litir uice; agus b’ e sin an litir! Leig mi ris m’ inntinn dhi cho saor ’s cho soilleir ’s ged a bhithinn a’ bruidhinn riut fhein. So agad mar a rinn mi: an àite fuireach gun dol a Dhuneidionn gu ceann beagan làithean, is ann a ghrad dh’ fhalbh mi ann. Agus cha bu luaithe rainig mi am baile na ghabh mi dìreach a dh’ ionnsuidh an taighe anns an robh i fhein agus a màthair a’ fuireach, agus bhuail mi gu làidir aig an dorus. Ach an déigh dhomh bualadh, cha robh fhios agam air an t-saoghal co dhiubh bu chòir dhomh seasamh far an robh mi gus an tigeadh iad a dh’ fhosgladh an doruis mar bu chòir dhomh, na gabhail a steach gun fheitheamh ri duine thighinn a dh’ fhosgladh an doruis, agus thainig fhuil ’nam aodann. An uair a thainig an t-searbhanta dh’ fhosgladh an doruis, thuirt mi, agus mo ghuth air chrith, “Am bheil do bhanamhaighstir a staigh?” “Tha,” ars’ ise “thigibh a steach.” Ghabh mi steach, agus tha mi ’g innseadh dhut le fìrinn nach robh fhios agam co dhiubh a bha ’n t-urlar a’ falbh leam, no bha mise ’falbh leis an urlar. An uair a chaidh mi steach do ’n t-seòmar, co bha ’na suidhe romham ann ach seana bhean uasal, agus speuclairean oirre. Gun teagamh sam bith b’ e so banamhaighstir na searbhanta ’dh’ fhosgail an dorus dhomh; ach cha b’ i a bha dùil agamsa fhaicinn anns an t-seòmar ach an té air an robh mo chridhe cho mòr ann an geall. Sheall a’ bhean uasal chòir orm, agus sheall mise oirrese. Ghrad dh’ éirich i ’na seasamh, agus rinn i beic dhomh, agus dh’ fheuch mise cho math ’s a b’ aithne dhomh ri beic a dheanamh dhi; agus fad na h-ùine, dh’ fhaodadh tu a’ bhuille a bh’ aig mo chridhe a chluinntinn air taobh eile an t-seòmair. “A bhean uasal,” arsa mise. “A dhuin’ uasail,” ars’ ise. Tha mi ’g innseadh na fìrinn dhut; leumainn am mach air an uinneig aig an àm mur b’ e gu ’n robh an seòmar ceithir staidhreachan os cionn na sràide. Ach thuirt mi rium fhìn gu ’m b’ fhearr dhomh feuchainn ri rud-eiginn a ràdh o ’n a chaidh mi cho fad air aghart. “Ghabh mi orm fhìn de dhànadas taghal oirbh, a bhean uasal,” arsa mise. “Is fior thoigh leam bhur faicinn, a dhuin’ uasail,” ars’ ise. Gu dearbh, arsa mise rium fhìn, is math leam sid a chluinntinn co dhiubh. Ach ged a bhiodh mo bheatha ’na gheall, cha robh sion saoghalta ’dh’ fhios agam ciod a bu chòir dhomh a radh rithist. Shuidh mi air cathair a thachair a bhi faisge air an àite ’san robh mi ’nam sheasamh. Agus mu dheireadh fhuair mi de mhisnich na dh’ fheoraich: “Am bheil bhur nighean, Miss Sine, aig an tigh, a bhean uasal,” arsa mise. “Tha mi ’smaointean gu ’m bheil,” ars’ ise. “A Shine,” ars’ ise, le guth a chluinneadh tu o cheann gu ceann dhe ’n taigh. “Tha mi ’tighinn, a mhàthair,” arsa mo fhlùr bòidheach an fhàsaich; agus a steach a ghabh i do ’n t-seomar le ceum aotrom, sunndach mar gu ’m biodh bean-shithe ann. Ach an uair a thug i an aire dhomhsa, chlisg i mar gu ’m biodh i air taibhs fhaicinn, agus dh’ fhàs a h-aodann cho dearg ris an fhuil. Air mo shon-sa dheth, bha mi air chrith mar gu ’m biodh duilleach na craoibh uinnsinn ann, agus thug mi ceum no dhà ’na coinneamh. Cha ’n ’eil mi ’smaointean gu ’n d’ thug i ach gann an aire gu ’n d’ rug mi air laimh oirre. Agus bha mi ’dol a radh a rithist, “Ghabh mi orm fhìn de dhanadas,” an uair a bha de thùr ’s de thuigse anns an t-seana mhnaoi na dh’ fhàg leinn fhìn sinn anns an t-seòmar. Tha mi ’g radh riut gu cinnteach ceart nach d’ fhuair mi riamh roimhe nam bheatha a leithid de shaoirsne. Bha mo chearn mar gu ’m biodh sgeip sheillean ann le tuainealaich agus le gaol. Thug mi oidhirp a dhà no tri dh’ uaireannan air labhairt gus innseadh dhi gu ’n robh mi ’g a h iarraidh ri pòsadh. Ach cha robh mi comasach ach gann air tri facail a chur an tàth a chéile. Agus an uair a chunnaic mi nach rachadh agam air stad m’ inntinn innseadh dhi le briathran beòil, chuir [TD 179] [Vol. 10. No. 24. p. 3] mi mo lamhan mu ’n cuairt d’ a meadhain, theannaich mi ri m’ uchd i, agus thug mi deadh phòg dhi. Bha ’n naigheachd nach robh mi comasach air innseadh dhi le cainnt air a h-innseadh dhi mar sid ann an tiotadh. Bha i ’cur beagan ’nam aghaidh, agus ag radh, “O mo nàire!” agus, “A dhuin’ uasail!” no rudeiginn coltach ris a’ sid; ach chum mi greim oirre, agus dh’ innis mi gu duineil dhi ciod a bha nam bheachd a dheanamh. Thuirt mi rithe gu ’n robh mo chridhe gu bristeadh fad chòig bliadhna leis a’ ghaol a bh’ agam oirre, agus a nis o’n a bha mi ’nam dhuin’ uasal, gu ’n do smaoinich mi gu ’m bu chòir dhomh bruidhinn rithe. A dh’ aon fhacal, chum mi greim oirre gus an d’ aidich i gu ’m pòsadh i mi. Mu ’n d thainig ceann na seachdain bha h-uile gnothach air a shuidheachadh eadrainn. Fhuair mi ’mach nach robh stòras sam bith aice. Bhuineadh a màthair do sheann teaghlach a thainig gu bochdainn, mar a thachair do iomadh teaghlach eile, ri linn Prionnsa Tearlach. Bha iad le chéile gu math teann dhe ’n Eaglais Shasunnaich. Bha àirde a fad as a toirt [?]aim àraidh dha màthair a h uile bliadhna. Agus mur b’ e gur e Stiubhardach a bh’ annam, agus gu ’n d’ innis mi naigheachd gun mòran seadh mu thimchioll mar a thachair do m’ sheanair latha blàr Chùilfhodair, tha mi ’creidsinn nach tugadh i dhomh a h-igheann, ged a bha còig mìle de dh’ airgiod tioram agam. Ach cha bu luaithe a fhuair i mach gu ’n robh mo sheanair ann an cogadh a’ Phrionnsa na thòisich i ri sloinnteireachd gus an d’ rinn i mach gu ’n d’ thainig mi o theaghlach a bha aon uair glé ainmeil. Cha robh mise ’tuigsinn na bha i ’g ràdh na ’s mò na ’m fear a th’ anns a’ ghealaich; ach bha mi ’g aontachadh leatha fad na h-ùine. Ach bha Sine nam shealladh-sa mar aingeal o nèamh. Bha i mu thri bliadhna deug air fhichead. Bha dà shùil bhòidheach, ghorm ’na ceann, agus bha ’m pailteas de dh’ fhalt briagha donna-bhàn oirre; agus bha pears’ aice cho caol ’s cho grinn ’s a chunnaic mi riamh. Rachadh i ’na h-éideadh cho grinn ’s cho sgiobalta ri té sam bith; ach cha robh riomhadh sam bith ri fhaicinn m’ a timchioll. A dh’ innseadh na fìrinn, dh’ fhaodadh duine dall fhaicinn gur e fior bhean uasal a bh’ innte. Agus a thaobh tùr agus tuigse, tha mise ’g ràdh riut nach deargadh am ministear agus na h-eildearan oirre. Ach is ann o màthair a thug i sin; agus bidh beagan agam ri ràdh mu dheidhinn a màthar na dheigh so. CAIB. IV. MAR a bha mi ’g ràdh riut, bha Miss Murray anabarrach teann dhe ’n Eaglais Shasunnaich. Bha i am muigh ’s am mach air taobh nam beachdan a bh’ aig an Ard-Easbuig Laud, agus na h-obrach a bha Claverhouse—an duine fuilteach ud air an cuala gach neach iomradh—a’ deanamh gus an Eaglais Shasunnach a stéidheachadh ann an Alba. Bha toil gu leòr aice a thoirt ormsa ’chreidsinn gur i an Eaglais Shasunnach mòran is fhearr na Eaglais na h-Alba—beachd gun tùr, mar a tha fhios agad—ach is gann a theid againn air a thuigsinn cho làn ’s a tha cuid de dhaoine do shaobh chreideamh. Tha beachdan dhaoine, mar is trice, a réir na dòigh anns an robh iad air an teagasg ’nan òige. Ach is e chuir dorran orm gu h-àraidh a bhith ’smaointean gu ’m biodh ise ’dol a dh’ aon taigh-aoraidh agus gu ’m bithinnsa ’dol do thaigh-aoraidh eile, dìreach mar a bhiodh dithis aig nach biodh eòlas sam bith air a chéile. Agus, a bharrachd air so, nam biodh am ministear a bhiodh ise ag éisdeachd a’ searmonachadh leith uair na b’ fhaide na bhiodh am ministear a bhithinnsa ’g éisdeachd, ar neo nam biodh am ministear a bhithinnsa ag éisdeachd a’ searmonachadh uair na b’ fhaide na bhiodh am ministear a bhiodh ise ag éisdeachd, ciamar a bhiodh cùisean? Rachadh an dinnear a dholaidh, oir cha bhiodh fhios aig an t-searbhanta c’ uin bu chòir dhi an dinnear a bhith deiseil. Dh’ iarradh a’ bhanamhaighstir an dinnear a bhith deas aig aon uair, agus dh’ iarradh am maighstir i bhith deas aig da uair. Agus a dh’ innseadh na fìrinn dut, cha tugainn dá sgillinn air dinnear a bhiodh an déigh fuarachadh. Ach mar a bha mi ’g radh riut mu dheidhinn na seana mhna, bha i ’smaointean gu ’m bu chòir dhi comhairle a thoirt oirnn le chéile. “Nis, a chlann,” ars’ ise, “tha mi ’guidhe oirbh gu ’n toir sibh fa near le mòr-chùram ciod a tha romhaibh a dheanamh; oir is fhearr do dhaoine aithreachas a ghabhail an lath’ a tha iad a’ dol a phòsadh, na aon aithreachas a ghabhail an déigh dhaibh pòsadh, aithreachas a mhaireas, ma dh’ fhaoidteadh, fad uile làithean am beatha. Cha ’n ’eil mi ’ga ràdh so gus bhur n aoibhneas a lughdachadh, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil meas gu leòr agaibh air a chéile; ach tha mi ’g a ràdh mar aon a bha roimhe pòsda, agus a chunnaic mòran dhe ’n t-saoghal. Agus, a chlann, tha mi ’ga ràdh mar mhàthair! Tha pòsadh gun ghràdh làidir ’na chois, coltach ris a’ ghréin ann an dùdlachd a’ gheamhraidh—gu tric fo neòil, gu tric air luasgan le stoirm, agus an comhnuidh gun bhlàths sam bith; agus tha a’ chluasag cho beag comhfhurtachd ri cithe sneachda. Ach ged is e gràdh an ni sònraichte, cuimhnichibh nach e an t-aon ni a tha mhàin feumail dhuibh. Am bheil sibh cinnteach gu ’m bheil sibh làn eòlach air giùlan agus nàdar a chéile? Agus os cionn gach ni, am bheil sibh cinnteach gu’m bheil meas agaibh air a chéile, agus gu ’n toir sibh urram dligheach d’ a cheile? Mur ’eil so mar so, faodaidh sibh a bhith smaointeachadh gu ’m bheil tlachd agaibh d’ a chéile ged nach biodh fior ghràdh agaibh d’ a chéile idir. Cha ’n e sid an seòrsa tlachd a mhaireas ré na h ùine a bhios dithis pòsda ri ’chéile, agus a bhios mar eun a’ ceileireadh ann bhur brollach gu latha deireannach bhur saoghail. Cha ’n e, a Shìne. Mur bi bhur n-anamannan, mar gu ’m b’ eadh, air an tàth ri ’chéile, mur ’eil thusa faicinn ni eiginn annsan nach fhac’ thu ann am fear riamh roimhe, agus mur ’eil esan a’ faicinn ni eiginn annadsa nach fhac’ e ann an té riamh roimhe, na pòsaibh idir. Ged a bhiodh gaol mòr aig dithis air a chéile mu ’m pòs iad, cha dearbhadh sin gu m bi iad measail, miadhail air a chéile an déigh dhaibh pòsadh. Theid am fudar ’na lasair ann an tiotadh; ach mairidh an teas anns an fhàd mhònadh as am bi an smùid, an déigh dha a dhol ’na luathaidh. Cuimhnichibh gu ’m faod an gaol a bhios glé theith an diugh, araon ann an cridhe fhirionnach agus bhoirionnach, a bhith air a thionndadh gu fuath am màireach. Air an aobhar sin, smaoinichibh air a’ chùis mu ’n teid sibh na ’s fhaide; oir ’na dhéigh so bidh e tuilleadh is anamoch dhuibh smaoineachadh air a’ chomhairle a tha mi ’toirt oirbh.” “A dh’ innseadh na fìrinn dhuibh, a bhean chòir,” arsa mise, “tha mi cinnteach gu ’m bi moit orm a chionn gu ’m faod mi mathair a rádh ri boirionnach cho tùrail ribh!” “Is fhearr dhut gu mòr moit a bhith ort a chionn gu ’m faod thu do bhean a ràdh ri mo nighinn-sa,” ars’ ise; “oir an uair a dh’ fhàsas fear mi mheasail air a mhnaoi aig gach àm is uair, no an uair a bhios a fear ’na chùis-naire dh’ a mhnaoi, cha bhi iad latha sona maille ri chéile gu bràth tuilleadh. Ach air a shon sin, a Dhaibhidh,” ars’ ise, “cha ’n ’eil teagamh, sam bith agamsa nach bi thu ’nad dheadh fhear-taighe; oir tha thu ’nad dhuine tùrail; agus is math an airidh thu air bean fhaotainn. Agus ged nach biodh de mhathas ort ach gu ’m bheil thu dhe na Stiubhardaich, theòthadh mo chridhe riut. Ach tha aon rud ann a tha ’cur eagail orm—tha mi ’faicinn dìreach aona choire annad—agus faodar a ràdh le fìrinn gur ann o ’n choire so a tha gach coire eile ag éiridh, agus b’ fhearr leam gu ’n gealladh tu gu ’n cuireadh tu cùl rithe gu buileach; oir thug a’ choire so barrachd ’truaighe air fir agus air mnathan na thug a h-uile ’trioblaid, agus bochdainn agus bàs thainig riamh ’nan rathad ged a bhiodh iad uile comhladh.” (Ri leantuinn) Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. XI. AN uair a sheall Abon Hasan mu ’n cuairt dha, agus a fhuair e e-fhein anns an talla ’san robh e mios roimhe sid, shaoil leis gur e bruadar mar a chunnaic e roimhe a bha anns na nithean a bha e ’faicinn ’s a’ cluinntinn mu ’n cuairt dha, agus bha eagal gu leòr air gu ’n tachradh dha mar a thachair dha roimhe. “Gu ’n deanadh Dia tròcair orm!” ars’ esan, agus e cur a làmhan ri shùilean, mar gu ’m biodh duine aig nach robh fhios c’ àit an robh e; “tha mi ga m’ chur fhin ann ad làmhan. Cha ’n eil teagamh agam an deigh na chunnaic mi, nach e droch spiorad a’ thainig do na’ sheòmar, agus a fhuair greim orm, agus a tha ’lionadh m’ inntinn leis na seallaidhean so.” Bha ’n righ a faicinn ’s a’ cluinntinn a h-uile car a bha ’dol air aghart, agus thoisich e ri gàireachdaich cho cridheil ’s gur gann a chaidh aige air cumail air fhein gun ghàire a dheanamh a chluinnteadh anns an talla. Leig Abon Hasan e-fhein ’na shìneadh a rithist, agus dhùin e ’shùilean. An sin thàinig a’ bhean-uasal a bha ’bruidhinn ris roimhe, agus thuirt i ris: “A Cheannaird nan Creidmheach, o nach ’eil bhur mórachd ag eirigh, an deigh dhuinne, a reir ar dleasdanais, innseadh dhuibh gu ’m bheil an lath’ air tighinn, agus gu ’m bheil an t-àm agaibh a dhol do sheòmar na comhairle feumaidh sinn an t-saorsa sin a chleachdadh do bhur taobh a cheadaich sibh dhuinn.” An sin rug i air a ghàirdean, agus rug te eile dhe na mnathan-uaisle air a ghàirdean eile, agus thog iad leoth’ e gu meadhain an talla, far ’n do chuir iad ’na shuidh’ e. An sin rug na mnathan-uaisle gu leir air làmhan a cheile, agus thòisich iad ri leumadaich ’s ri dannsa mu ’n cuairt dha, am feadh ’s a bha an luchd-ciùil a’ cluich gu trang. Bha inntinn Abon Hasain air a cur gu mór troimh a cheile, agus thuirt e: “Ciod is ciall dha so? Am mi da rìreadh an righ, agus Ceannard nan Creidmheach?” Bha e air tuilleadh a radh mu dheidhinn an t-suidheachaidh anns an robh e, mur b’ e gu ’n robh fuaim a’ chiùil cho àrd ’s nach cluinneadh neach sam bith ciod a theireadh e. Mu dheireadh leig e ris do dhithis dhe na mnathan-uaisle gu ’n robh toil aige bruidhinn riutha. An sin chaidh iad far an robh e. “Innsibh an fhìrinn dhomh,” ars’ esan, “ach innsibh dhomh le fìrinn co mi?” “A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Reul (Air a leanntuinn air taobh 182). [TD 180] [Vol. 10. No. 24. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear ga luchd-gabhall ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA. Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 14, 1902. “Mactalla nan Tur.” THA an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair an deigh iomadh comain a chur air na Gàidheil ann a bhi cruinneachadh ’s a cur am mach bàrdachd Ghàilig a bha ’n cunnart a dhol air chall gu buileach. Tha leabhar ùr aig air a chur am mach aig an àm so—“Mac-talla nan Tùr.” Tha mirean de shaothair iomadh bàrd, sean is òg, ri ’m faotainn anns an leabhar so, agus ma thachair gu robh cuid de na h-òrain sin ann an clò roimhe, faodar a bhi cinnteach gu bheil iad a’ tighinn o pheann Mhaighstir Sinclair ann an dreach na ’s fhearr agus na ’s saoire o mhearachd na chunnacas fhathast iad. Tha “Oran na Comhachaig” a gheibhear ann an “Sar-Obair nam Bàrd” anns an leabhar ùr so air a roinn na dha òran, “Cead deireannach nam Beann” agus “Oran na Comhachaig.” Tha Mr. Sinclair dhe ’n bheachd gur h-ann mar so a dh’ fhàg am bàrd iad, agus gu robh iad air am measgnachadh nan aon mu ’n d’ fhuair Mac-Coinnich iad. Gheibhear an leabhar so ann an oifis MHIC-TALLA air air 25c; a sia dhiubh air $1.25, agus a dha dheug air $2.00. Cha ’n eil ach mios no dha o ’n chuir Mr. Sinclair am mach leabhar eile, “Filidh na Coille,” anns am bheil òrain a Bhaird Mhic-Gilleain air an toirt seachad gu h iomlan, agus àireamh thaghta de dh’ òrain eile, a bharrachd air òrain is eadar-theangachaidh o’n Bheurla le Mr. Sinclair fhéin. Tha sinn an dòchas gu ’n dean na Gàidheil an da leabhar so a cheannach ann am pailteas, agus nach bithear g’ an toirt seachad an iasad an deigh an ceannach. ’S e cho leasg ’s a tha iad air a bhi ceannach leabhraichean Gàilig is coireach nach eil barrachd mor dhiubh air an cur an clò. Gaidheil na h-Alba. A REIR àireamh na bliadhna ’n uiridh tha air Gàidhealtachd ’s an Eileanan na h-Alba 28,106 pearsa a’ labhairt Gàilig a mhàin, agus 202,106 pearsa a labhairt Gàilig agus Beurla. Mar sin ’s e àireamh luchd-labhairt na Gàilig ann an Alba 230,806. Deich bliadhna roimhe sin b’e an àireamh 254,415. A reir a chunntais sin, tha àireamh luchd-labhairt na Gàilig an Alba 23,609 na ’s lugha na bha i anns a bhliadhna 1891. Ach cha ’n eil sin idir a dearbhadh gu bheil a’ Ghàilig a faighinn a bhàis ’na dùthaich féin. Bha àireamh mhor de shaighdearan Gàidhealach aig àm a chùnntais so ann an Africa mu Dheas a bha na ’n tìr féin an am a bhi gabhail a’ chunntais roimhe. Agus a bharrachd orra sin tha moran mhìltean de Ghàidheil ré nan deich bliadhna, 1891 gu 1901, air a dhol air imrich do ’n Ghalldachd, do Chanada, ’s do dhùthchannan céin. Na ’n robh iad sin uile aig baile, cha bhiodh am mùthadh cho mor. Anns an t-saoghal air fad, cha ’n eil teagamh sam bith nach eil àireamh luchd na Gàilig an diugh a dha no thri uiread ’s a bha i toiseach na naodhamh linn deug. Air an aobhar sin cha ’n eil e ri fhaicinn gu bheil latha bàis ar cainnt mhàthaireil ro fhaisg air làimh, ged a tha iomadh ni ag obrachadh ’na h-aghaidh. Mar a tha Times an Obain ag ràdh: “’S ann tha ioghnadh air cuid againn gu ’m bheil na h-uiread ann a tha labhairt na Gàilig, gu sònruichte a chionn gu ’n robh mòran ann anns an linn a dh’ fhalbh air am biodh nàire a bhi ’g aideachadh gu ’n robh iad ’nan Gàidheil. Tha cùisean na ’s fhearr leinn a nis; ach tha cuid do lunndairean ’s do amadain ann fathast a tha a’ smuaineachadh gu ’m bheil boladh na h-uaillse dhiubhsan a tha aineolach air cànain an sìnnsear. Tha an àireamh a th’ ann a’ leigeil fhaicinn dhuinn nach ’eil a’ Ghàilig buileach a’ faotainn bàs. Tha eadhon cuid d’a naimhdean ag aideachadh gu ’n cluinnear a guth ann an tìr na Gàilig ’s an fhéidh ré ceud bliadhna ’na dhéigh so. Cha tig a’ chrìoch oirre co-dhiù ’nar latha-ne no ’an latha ar cloinne; agus is iomadh car a thig air an t-saoghal mu ’n ruith an ath cheud bliadhna gu deireadh. Tha e ceart gu leòir a bhi ’g ionnsachadh Beurla; ach cha ruigear a leas a bhi dichuimhneachadh na Gàilig.” Co-oibreachadh an Eirinn. THA cùisean is cor nan Gàidheal car cosmhuil ri suidheachadh am bràithrean an Eirinn. Bidh e ’na mheadhon teagaisg dhuinn uime sin a bhi nis agus a rithist ag amharc thar sàile agus a’ faicinn gu dé a tha dol air aghaidh ’nam measg. Chì sinn an sud na Gàidheil Eirionnach a’ dol an guaillibh a chéile ann an co-oibreachadh air son am feuman féin. Chuir iad air an cois a suas ri còig ceud comunn beag anns am faighear mar bhuill mu deich ’s dà fhichead mìle (50,000). Thòisich an obair so le gràinein beag do bhuill mu cheithir bliadhna deug roimhe so. Cha ’n ’eil gnè oidhirp nach ’eil na comuinn so a’ gabhail os làimh, agus chaidh soirbheachadh math leotha. Tha iad a’ cur am bainne le chéile agus a’ deanamh ìm ceutach a tha fo chliù mhath nach robh aig ìm nan daoine bochda so riamh roimhe. Tha mar an ceudna togail eunlaith, gàradaireachd is àiteach air an teagasg do ’n t-sluagh a tha a’ faotainn prìsean matha air son an saothair. Tha bancan beag air an cur air chois mar an ceudna o ’m faigh feadhainn strìtheil, ionraic cuideachadh no iasad car tacan gus am faigh iad ceum air an aghaidh. Tha sè deug is trì fichead do na bancan so ann le mìltean do bhuill. Nach biodh e glic do na Gàidheil aig an tigh co-oibreachadh mar so a chur air chois ’nar measg féin?—Oban Times. Iadsan Nach do Phaigh. O ’N thainig an àireamh mu dheireadh dhe ’n MHAC-TALLA mach, b’ fheudar dhuinn grunnan nach bu bheag de dh’ ainmean luchd-gabhail a thoirt bhar an leabhair. Cha ruigear a leas aithris gu ’m b’ e ’n aon aobhar a bh’ againn air sin a dheanamh iad a bhi cho fad air deireadh na’m pàigheadh ’s nach b’ urrainn dhuinn giùlan leotha na b’ fhaide. Cha ’n eil fhios againn nach robh iarmad beag dhiubh d’ an robh e doirbh pàigheadh a dheanamh aon uair ’s gu ’n do leig iad ruith leis, ged nach fhac’ iad iomchuidh innseadh dhuinne; ach tha dearbh chinnt againn gu robh a mhor chuid dhiubh moran na bu chomasaiche air pris a phaipeir a phàigheadh na bha sinne air deanamh as aonais. Tha ar caraide, “C. C.,” ag iarraidh oirnn anns an àireamh so ainmean agus sloinnidhean na feadhnach a chaidh an cois an dleasdanais ’s an geallaidh a thaobh MHIC-TALLA a chur an clò, a chum ’s gu ’m biodh fhios aig na h-uile co iad. Na ’n deanamaid sin, cha bheag an t-ioghnadh a ghabhadh ar leughadairean ri moran de na h-ainmean a chitheadh iad, agus ar leinn nach meudaicheadh e an gràdh do ’n chinne-dhaonna. Cha dean sinn de shloinneadh orra ach a radh gur oighreachan dligheach iad do ’n mhuinntir a chur gu bàs acrach an Teachdaire Gaidhealach, Cuairtear nan Gleann, Fear-tathaich nam Beann, agus gach miosachan Gàilig eile bha riamh air a chur air chois. Agus cha ’n eil sinn g’ am meas airidh air an ainmean a chur air taobh-duilleig MHIC-TALLA air leisgeul sam bith. Imicheadh iad ann an sìth, agus feuchaidh sinne ri dhichuimhneachadh gu robh an leithidean de Ghàidheil gun stà riamh air thalamh. Australia. CHA ’N eil ach ùine ghoirid o’n ghabh Roinnean Australia eisimpleir Roinnean Chanada ann a bhi air an tàthadh ri chéile mar aon choi-fhlaitheachd, agus cha robh an àrd-pharlamaid ùr cruinn fhathast ach aon uair. Mar a thachair ann an Canada fhéin tha cuid de na Roinnean nach eil toilichte leis mar a tha cùisean fo ’n t-suidheachadh ùr, agus ma tha gach sgeul a tha tighinn r’a chreidsinn, bhiodh cuid dhiubh deònach an t-aonadh a chur m’a sgaoil. Cha ’n eil sin ach nàdurra gu leòr. Leis an aonadh chaill na Roinnean cuid de na còirichean a bha iad a mealtuinn roimhe, agus tha eagal air na Roinnean a’s lugha gu h-àraid gu ’m bi iad ann an seadh air an slugadh suas leis na Roinnean a’s motha. Tha iad a cheana faicinn na chaill iad, agus cha ’n fhaic iad na tha iad ri bhuanachd gu ceann bhliadhnaichean; thainig an call orra le aon bhuille, ach ’s fheudar do ’n bhuanachd tighinn a lion beagan is beagan, agus faodaidh nach fhaic an ginealach a tha làthair an diugh meud an fheuma ni an t-aonadh do ’n dùthaich air fad. B’ fhada sheas na h-Albannaich an aghaidh aonadh an dùthcha ri Sasunn, ach na ’n robh iad air fuireach air leth leotha féin cha bhiodh aon chuid Alba no Sasunn cho beairteach, soirbheachail an diugh ’sa tha iad. B’ fheargach a mhor chuid de shluagh na Roinne so againn féin nuair a chaidh a cur a stigh ri aonadh na bliadhna 1867 gun uiread ’s an cead iarraidh, agus chaidh iomadh bliadhna seachad mu ’n do sguir iad a thogail an guth na aghaidh. Ach cha mhor a tha ’n Nobha Scotia an diugh a dh’ iarradh au t-aonadh sin a bhristeadh, oir tha iad a’ faicinn gun do bhuanaich iad barrachd mor ’sa chaill iad. Agus ged a tha cuid de Roinnean Australia aig an àm so searbh dhe ’n t-suidheachadh ùr anns am bheil iad g’ am faotainn féin, thig an t-àm anns am bi iad cho riaraichte leis ’sa tha muinntir na h-Alba agus muinntir Nobha Scotia leis an atharrachadh a thainig orra le ’n aonaidhean féin. Faodaidh an t-àm sin a bhi car fad as, ach cha ’n eil ni is cinntiche na gu bheil e tighinn. [TD 181] [Vol. 10. No. 24. p. 5] Naigheachdan. CNAP MOR ÒIR—Fhuaireadh cnap oir ann an gleann faisg air Helena, Montana, a thomhais ceithir fichead is da ùnnsa gu leth. Cha ’n eil am fear a fhuair e ag innse an dearth àite ’s an do thachair e air, ach faodar a bhi cinnteach gu ’m faighear a mach e an ùine ghoirid. ’S fhiach an cnap dlùth air coig ceud deug dolair. CRITH-THALMHAINN AN CUEBEC—Bha crith-thalmhainn bheag ann am Bersimis, mu dha cheud mìle sios air baile Chuebec, air taobh tuath abhainn St. Lawrence, deireadh a mhios s’a chaidh. Bha taighean air an luasgadh a null ’s a nall, agus bha fuaim eagallach anns an talamh. Shaoil leis an t-sluagh gu robh an latha mu dheireadh air tighinn, ach gu fortanach, cha robh call sam bith air a dheanamh. AIR IMRICH AS NA STAIDEAN—Air a bhòn-uiridh thainig còrr is tri cheud deug pearsa as na Staidean a thogail fearainn ann an Iar-Thuath Chanada. Agus an uiridh thainig còrr is seachd ceud fichead pearsa air a’ ghnothuch cheudna. Tha iad air fhaotainn a mach gu bheil fearann tuathanachais an Canada na ’s fhearr na tha na ’n dùthaich féin, agus gu bheil i na “tir a gheallaidh” ann an seadh na ’s fìrinniche na tha na Staidean. Faodaidh e bhith gu bheil na Staidean an deigh gach gealladh a rinn i a choilionadh. ST. JOHN AGUS HALIFACS—Tha farmad mor aig bailtean St. John agus Halifacs do chàch a chéile a thaobh an acarsaidean. Tha muinntir Halifacs dhe ’n bharail gur ann aca fhein a tha ’n aon acarsaid ’s na Roinnean Iochdrach ris an còir acarsaid a ràdh, agus tha muinntir St. John ’s a cheart bharail a thaobh na h-acarsaid aca fhein. Chaidh soitheach-smùide a bhristeadh o chionn ghoirid ann an acarsaid St. John, agus b’ e sin an aon naigheachd a bha ri chluinntinn ann a Halifacs, gus ’n do thachair an dearbh sgiorradh do shoitheach na ’n acarsaid fhéin. Tha an da bhaile nis air an aon ruith. SGIORRADH MULADACH—Thachair sgiorradh muladach ann an Sidni air Di-haoine an latha mu dheireadh dhe ’n mhios a dh’ fhalbh, leis an robh Mairi Ghreig, a mhuinntir nam Forks, air a marbhadh. Bha i air a turus dhachaidh le each is carbad nuair a bhuail carbad eile innte. Bha i air a tilgeadh a mach air torr mhaidean a bha ri taobh an rathaid. Chaidh aice air eirigh leatha fein, ach bha a cluasan a’ sileadh fala, agus chaidh a toirt gu taigh faisg air laimh, far an do chaochail i am feasgar sin fhéin. Bha an duin’ òg a bh’ anns a’ charbad eile, Walter Bray, air a ghlacadh, agus thatar air an t-seachdain so ga ’fheuchainn aig cùirt air son a bàs aobharachadh. MNATHAN AOSDA—Tha seana bhean ann am Baddeck, Nic Aoidh, a tha ceud is tri bliadhna dh’ aois, agus tha uile bhuadhan a cuirp ’s a h-inntinn aice fhathast. Theid aice air leughadh is fuaigheal a dheanamh, agus ni i barrachd obrach air feadh an taighe ’s a ni iomadh té a tha deich bliadhna fichead na ’s òige na i. Tha bean eile, Mrs. Arsinean, ann an Joggins, N. S., a tha ceud ’sa coig, agus a tha gu trang na h-uile latha a’ fuaigheal, ag altrum, a’ biadhadh nan cearc, ’s ris gach dleasdanas eile a gheibh a leithid ri dheanamh. Cha ’n aithnichte air a coltas nach eil iomadh bliadhna saoghail roimpe fhathast. Cha ’n eil teagamh nach eil ann an Nobha Scotia an Ceap Breatunn àireamh nach beag de dh’ fhir ’s de mhnathan a tha gu math thairis air ceud bliadhna dh’ aois. BAS PHADRUIG MHIC-AMHLAIDH—Chaochail Padruig Mac-Amhlaidh, aon de ’n luchd-gnothuich bu shine ’s bu mheasaile bha ’n Glace Bay, maduinn Di-luain s’a chaidh. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’ aois, agus air dha bhi tinn o chionn bliadhna no dha, cha robh a bhàs gun dùil ris. Bha e air a thiodhlacadh Di-màirt leis na Saor Chlachairean, comunn de ’n robh e ’na bhall urramach o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean. Bha moran chàirdean is luchd eòlais aige air feadh na siorrachd so agus an àiteachan eile air am bi mor dhuilichinn sgeul a bhàis a chluinntinn. Dh’ fhàg e bantrach asjus teaghlach. Tha bràthair dha, Iain Mac Amhlaidh, ann am Port Morien, agus bu phiuthar dha bean an Urr. Calum Caimbeul, ministear Strathalba, E. P. I. Bha Maighstir Caimbeul a bhos ga ’fhaicinn mu sheachdain mu ’n do chaochail e. TEINTEAN MORA—Bha teine mor ann an Waterbury, Connecticut, toiseach na seachdain s’a chaidh, a loisg fiach ceithir millein dolair de thogalaichean ’s de bhathar. Agus Di-luain so ’chaidh bha teine ann am Paterson, New Jersey, a loisg fiach deich millein dolair, Bu shuarach teine Shidni an taca ris an da theine mhor so. DH’ AIDICH E A CHIONTA—Thatar ag radh mu Walter Gordon, am fear a bha air a ghlacadh ann a Halifacs air son moirt, gu ’n do dh’ aidich e a chionta do na h-oifigich a bha ga ’thoirt air ais do Mhanitoba. An deigh a ghlacadh agus fhad ’s a bha e ann am priosan Halifacs, bha e ’cumail air fhein gu math, ach nuair a dhlùthaich e ris an àite ’s an d’ rinneadh an gniomh a bhatar a cur as a leth, bhrist e sios, agus ma ’s fior an sgeul dh’ aidich e a chionta. A’ NOCHDADH GLIOCAIS—Chuir Uilleam, Impire na Gearmailt, mar fhiachaibh air muinntir Bherlin, ceanna-bhaile na h-Impireachd, gun iad am baile a shoillseachadh no dhol gu cosdas sam bith an àm a bhi cumail co-ainm latha ’bhreith, an 27mh latha de ’n mhios a chaidh. Dh’ iarr e gu ’n cuireadh iad an t-airgead a bhiodh iad deònach a chosg anns an dòigh sin, a chuideachadh leis na bochdan agus leis an luchd-obrach aig nach eil cosnadh o chionn àireamh mhiosan. Tha Uilleam, mar a tha e fàs sean, a tilgeadh uaithe moran de ’n uaill ’s de ’n uabhar air son an robh e comharraichte na òige, agus a’ gabhail gliocais agus truacantais na ’n àite. BAS CIANAIL—Thachair sgiorradh uamhasach aig an obair-iaruinn oidhche Di-haoine, Ianuaraidh 31, leis an do chaill Iain Moireasdan, gill’ òg a mhuinntir an Eilein Mhoir, a bheatha. Bha e frithealadh do aon de na h-innealan, a cumail olla rithe, nuair a bha a chuid aodaich air a ghlacadh, agus bha e air a tharruinn am measg na cuibhlichean. Bha a lamh ’s a chas chli air an gearradh dheth, agus chaochail e maduinn Disathuirne. Bha e na thùr féin gus na mionaidean deireannach. La na Sàbaid bha a chorp air a ghiulan gu ’dhachaidh aig Black Rock, far an robh e air a thiodhlacadh. Bu mhac e do Chalum Moireasdan, fear-cumail an taigh-sholuis, agus cha robh e ach seachd bliadhn’ deug a dh’ aois. Tha co-fhaireachdain againn ri ’phàrantan ’s ri ’chàirdean a tha ’ga chaoidh gu goirt. GEAMHRADH BRIAGHA—Tha an geamhradh so air geamhradh cho briagha ’sa chunnaic Ceap Breatunn o chionn iomadh bliadhna. Gu dearbh ’s i bharail chumanta gu bheil e tuilleadh is briagha, agus gu ’m biodh geamhradh cruaidh reòta na b’ fhallaine agus na b’ fhearr d’ an dùthaich. Cha do shil gu ruige so ach fior bheagan sneachda, agus cha dàinig ach corra latha anns an gabhadh sleigheachan uisneachadh air an ròidean. Tha an t-sìde mar is trice blàth, grianach, ar neo bog, àitidh. Cha d’ fhuair sinn uile gu léir seachdain de shìde chruaidh reòta o ’n thainig an geamhradh. Tha na h-acarsaidean gu ire bhig fhathast fosgailte. Cha dàinig air bàtaichean an aiseig sgur a ruith eadar so is Sidni Tuath gu toiseach a mhios so, agus air an t-seachdain so thòisich iad ri ruith a rithist. COMHAIRLEAN NAM BAILTEAN—Bha taghaidhean nam bailtean air feadh Nobha Scotia air a cheathramh latha dhe ’n mhios so. Ann an Sidni, an Sidni Tuath, an Sydney Mines ’s an Glace Bay, bha Bhaltar Crowe, D. D. Mac Coinnich, Iain Mac Cormaic agus D. M. Burchell air an taghadh gu h-aon-ghuthach gu bhi ’nan àrd bhàillidhean; agus ann an Louisburg bha Uilleam Lewis air a thaghadh an aghaidh an Dotair Mhoireasdain. Ann an Port Hawkesbury bha Mac-Aonghais air a thaghadh, agus ann an Antigonish, Cunningham. Ann an Sidni bha A. C. Ross, Tearlach Mac Fhionghain, E. C. Hanrahan agus C. A. Richardson air an taghadh mar Chomhairlichean ann an Wards I., II., III. agus V. Tha taghadh ri bhi ann an Wards III. agus IV. air an t-seachdamh latha deug, a lionadh nan àiteachan-suidhe bha air am falamhachadh le Domhnull Domhnullach agus an Dotair Mac Leoid. Ann an Sidni Tuath bha Iain Lewis, Bart Musgrave, Ioseph Salter agus Antony Gannon air an taghadh mar chomhairlichean. Ann an Glace Bay bha Uilleam Phalen, Tomas Gorman agus Simon Lot air an taghadh. Ann an Louisburg cha do ruith ach iadsan a bha stigh roimhe. Thachair an ni ceudna ann an Sydney Mines. Eachdraidh Beatha Banrigh Bhictoria. SGRIOBH Dùic Earraghàidheal leabhar no dhà roimhe so ann am bàrdachd ’s an rosg, agus rinn e dha féin glé òg cliù shònruichte mu eadar-theangachadh nan salm. ’S e cuspair an leabhair mu dheireadh a thàinig o a làimh eachdraidh beatha na Banrigh Bhictoria nach maireann, anns am faighear tomhas de dh’ eòlas nach ’eil ri fhaotainn ann an leabhraichean eile. Mar mhac-céile do ’n Bhanrigh bha cothrom sònraichte aigesan air fios ceart fhaotainn nach biodh comasach do fheadhainn eile. Tha mòran do sgeòil bheag thaitneach ri ’m faotainn eadar da chlàr an leabhair so. Tha sgeul beag laghach ann mu ’n Bhanrigh ’nuair a bha i ’na caileag òg. Chunnaic i aon latha “doll” bhreagh ann an uinneig bùth, agus bha i dian a faotainn. Ach bha a màthair ghlic, a’ Bhan-Diùc Kent, a ghnàth a’ teagasg dhi gu ’m feumadh i a h-iarrtuis a chumail an taobh a stigh cumhachd a pòcaid. Cha d’ fhuair ì an doll an lá ud; ach cho luath ’s a thàinig a h-airgiod pòcaid ’ga h-ionnsuidh chaidh i do ’n bhùth agus cheannaich i an doll air son sè tastain. Ach ’nuair a thàinig i a mach choinnich baigeir i, agus bha e dian ’na iarrtuis. Cha robh tuilleadh airgid aice ’na pòca, agus ’s e rinn i chaidh i air a h-ais do ’n bhùth leis an doll, agus fhuair i air ais na sè tastain, a’ fàgail na doll gu latha eile. Dh’ fhalbh i sin agus chuir i na se tastain an làmhan a’ bhaigeir a bha làn do ioghnadh mu ’n t-suilbheireachd a nochd a’ bhean bheag uasal ud. Ann an so chì sinn an spiorad a dh’ fhoillsich e féin ré iomadh bliadhna ’na dhéigh, eadhon ré a beatha gu léir. “An Deigh Mhorain Laithean.” THA sgeul neònach air tighinn as an Fhraing. O chionn còrr us fichead bliadhn’ air ais ghoid duin’ òg ann an cearn iomallach dhe ’n rioghachd sin fichead dolair o dhuine aig an robh e air fasdadh, agus theich e do Algeria. Anns an dùthaich sin thòisich e le caithe-beatha b’ fhearr, shoirbhich leis, agus dh’ fhàs e ’na dhuine saoibhir, measail. Ach an deigh dha an Fhraing fhàgail, bha an càs air a thoirt gu cùirt, bha a chiont air a dearbhadh, agus ged nach robh e fhein ri fhaotainn b’ i binn na cùirte gu ’m biodh e air a chur gu seirbhis pheanasach fad dheich bliadhna. O chionn bliadhna no dha thainig e air ais do ’n Fhraing air son a shlàinte, agus shuidhich e ann an Rochelle mar cheannaiche. Bha uiread meas aig muinntir a’ bhaile sin air ’s gu ’n robh iad deònach comhairleach a dhèanamh dheth. Ach mu ’n dàinig latha ’n taghaidh thàinig latha sgrùdaidh, agus fhuaireadh fios air an t-seana chionta ’s air a pheanas a bha ’na lorg. Chaidh an duine bochd a ghlacadh ’s a thoirt gu Paris, agus feumaidh e a bhinn obrachadh gus am bi ceartas air a riarachadh. Tha mar sin, aige, mar a bh’ aig iomadh neach eile, ri bhi ’na sheann aois a dìoladh air son pheacaidhean a chuir e ’n gniomh an làithean na h-òige. AIR FHAOTAINN MARBH—Bha duine d’ am b’ ainm Pembroke air fhaotainn marbh air an rathad faisg air a Bhras d’Or Mhor madninn Di-luain s’a chaidh. Chunnacas e ’gabhail an rathaid feasgar Di-dòmhnaich agus coltas na daoraich air. B’ e so an uair mu dheireadh a chunnacas beò e, agus thatar a deanamh a mach gu ’n deach e chadal air an rathad ’s gu ’n do dh’ aobharaich am fuachd a bhàs. A’ MEUDACHADH NA H-EAGLAIS CHAITLICEACH.—Tha an eaglais Chaitliceach anns a’ bhaile so ri bhi air a meudachadh toiseach an t-samhraidh. Bidh seachd deug gu leth troigh air a chur rithe air gach taobh, ga ’deanamh mar sin coig deug air fhichead troigh na ’s leathainne na tha i. Bidh àireamh nan suidheachan an uair sin faisg air a dùblachadh. Cosgaidh am meudachadh mu ochd mìle dolair. [TD 182] [Vol. 10. No. 24. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 179). na Maidne, “tha toil aig bhur mórachd ioghnadh a chur oirnn leis a’ cheisd so a chur oirnn, mar nach biodh fhios agaibh gur sibh Ceannard nan Creidmheach, agus fear ionaid an fhàidh a chuir Dia a dh’ ionnsuidh na talmhainn, ar neo chunnaic sibh aisling neo-chumanta an nochd, a thug oirbh a dhichuimhneachadh co sibh. Dh’ fhaodadh sin tachairt, an uair a bheirear fa near gu ’n do chaidil bhur morachd na b’fhaide na b’àbhaist dhuibh. Ach ma bheir sibh cead dhomh, innsidh mi dhuibh ciod a thachair an dé.” An sin dh’ innis i dha mar a chaidh e do thalla na comhairle, agus a dh’ òrdaich e peanas a dheanamh air an t-sagart agus air a’ cheathrar sheann daoine, agus mar a chuir e duine le sporan anns an robh mile bonn òir gu màthair Abon Hasain. Dh’ innis i dha mar an ceudna, gach ni a rinn e ’s an lùchairt, agus ciod a thachair aig na tri bìdh a ghabh e anns na tri tallachan, agus mar a thug e air na mnathan-uaisle suidhe còmhla ris aig a’ bhòrd anns a’ cheathramh talla, agus mar a ghabh iad òrain dha, agus a ghabh iad fion uaithe, agus a chuir iad seachad an oidhche gu cridheil gus an do thuit e ’na chadal. “O ’n àm ud,” ars’ ise, agus i ’dol air aghart leis na bh’ aice ri radh, “bha sibh, mar nach b’ àbhaist dhuibh, ’n ’ur cadal trom gus a nis. Togaidh gach aon a tha ’n làthair s an talla fianuis leam gu ’m bheil mi ’g innseadh na firinn. Agus tha ’n t-àm agaibh a nis a dhol a dh’ ùrnuigh. Fhreagair Abon Hasan, agus thuirt e, agus e ’crathadh a chinn, “Gle mhath; b’ e bhur miann gu ’n creidinnsa a h-uile facal a tha sibh ag innseadh dhomh. Ach tha mise ’g innseadh gu ’m bheil sibh uile ’n ’ur n-òinsichean, ar neo as bhur ciall, agus bu mhor am beud sin, oir tha sibh uile ’n ’ur boirionnaich bhriagha. O ’n a chunnaic mi roimhe sibh, bha mi ’nam thaigh fhin, far an d’ rinn mi leithid de dhroch dhiol air mo mhàthair ’s gu ’n do chuireadh do ’n taigh-chaoich mi. Chum iad ann mi an aghaidh mo thoile fad thri seachdainean, agus ghabh iad orm a h-uile latha le slait; agus an deigh so gu léir, bu mhiann leibh a thoirt orm a chreidsinn gur e aisling a chunnaic mi.” “A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Reul na Maidne, “tha sibh ann am mearachd; tha sinn uile deas gus ar mionnan a thabhairt nach ’eil anns na bheil sibh ag innseadh dhuinn ach bruadar. Cha do charaich sibh as an talla o ’n dé, agus chadal sibh ann fad na h-oidhche.” Cha robh fhios aig Abon Hasan ciod a theireadh e; oir labhair a’ bhean-uasal air dhòigh a bha anabarrach coltach ris an fhìrinn, gus an do chuir na thuirt i ris cho mor ’na bhreislich e ’s nach robh fhios aige co dhiubh chreideadh e i, no nach creideadh. “O chruithneachd!” ars’ esan ris fhein, “am mi Abon Hasan, no, am mi Ceannard nan Creidmheach? A Dhé uile chumhachdaich, soillsich mo thuigse, agus thoir dhomh fios air an fhìrinn, a chum gu ’m bi fhios agam ciod is còir dhomh a chreidsinn.” An sin rùisg e a ghuaillean, agus nochd e do na mnathan-uaisle na h-athailtean a dh’ fhàg na buillean air. “Seallaibh air na h-athailtean,” ars’ esan, “agus thugaibh breith co dhiubh is ann ’nam chadal, no ’nam dhusgadh a fhuair mi na buillean a dh’ fhàg na h-athailtean so orm. Air mo shon fhin dheth, tha mi deimhin gu ’n do ghabhadh orm le slait. Saoilidh mi gu ’m bheil mi ’g am faireachadh fhathast, agus tha sin ’na làn dhearbhadh dhomh. A nis, ma ’s ann ’nam chadal a fhuair mi na buillean, is e rud cho iongantach ’s a thachair riamh air an t-saoghal, agus cha ’n ’eil e comasach dhomhsa ’thuigsinn.” Anns an t-suidheachadh neo-chinnteach so, ghairm Abon Hasan air fear dhe na h-oifigich a bh’ anns an talla. “Trobhad an so,” ars’ esan, “agus thoir bideag a barr mo chluaise, feuch am faigh mi ’mach co dhiubh a tha mi ’nam chadal no ’nam dhusgadh.” Rinn an t-oifigeach mar a dh’ iarradh air, agus thug e bìdeag cho goirt a cluas Abon Hasain ’s gu ’n d’ thus e glaodh eagallach as. Aig a’ cheart àm thoisich an luchd ciùil ri seinn, agus thòisich na h-oifigich agus na mnathan-uaisle ri gabhail orain, ri dannsa, agus ri leumadaich mu ’n cuairt air Abon Hasan. Rinn iad a leithid de dh’ fhuaim ’s nach mor nach do chuir iad air mhearainn e. Thilg e dheth a h-uile snaithle dhe ’n aodach rioghail a bha uime ach a leine ’s a dhrathais. Leum e thun an urlair, agus an uair a rug e air laimh air dithis dhe na mnathan uaisle, thoisich e ri dannsa ’s ri gabhail oran ’s ri leumadaich ’s ri cur nan car dheth air a leithid de dhoigh ’s nach b’ urrainn do ’n righ cumail air fhein na b’ fhaide. Bhrist a ghaire air, agus thuit e an comhair a chuil an uair a chunnaic e cho sunndach ’s cho toilichte ’s a bha Abon Hasan a’ cur nan car dheth air an urlar. Chluinnteadh a ghàire os cionn fuaim a’ chiùil. Agus lean e cho fada air gàireachdaich ’s nach mor nach d’ rinn e cron air fhein. Mu dheireadh dh’ eirich e, agus an uair a dh’ fhosgail e uinneag na closaid, chuir e ’mach a cheann, agus ghlaodh e: “Abon Hasam, Abon Hasain, am bheil toil agad mise ’mharbhadh le gaireachdaich?” Cho luath ’s a chualas guth an righ, bha h-uile neach ’na thosd. Sheall Abon Hasan an taobh as an d’ thainig an guth, agus ghrad dh’ aithnich e gu ’m b’ e an righ a labhair, agus gu ’m b’ e a bh’ ann an riochd marsanta Mhosuil, ach cha do ghabh e nàire sam bith. Ach an aite sin, thuig e gu ’n robh e ’na dhusgadh, agus nach b’ e bruadar a bh’ ann an dad dhe na thachair dha. Cha do ghabh e gu h-olc aon dad dhe na rinn an righ air. “Ha! ha!” ars’ esan ’s e ’g amharc gu dluth air an righ; “is tusa marsanta Mhosuil, agus tha thu ’gearain gu ’n robh mise toileach do mharbhadh; is tu bu choireach gu ’n d’ rinn mise droch dhiol air mo mhàthair, agus gu ’n do chuireadh do ’n taigh-chaoich mi. Bu tusa a rinn peanas air an t-sagart agus air a’ cheathrar sheann daoine, agus cha bu mhise. Tha mise saor ’s an gnothach. Bu tusa bu choireach ris a h uile gnothach mi laghail a rinn mise, agus ris gach trioblaid a dh’ fhuiling mi. A dh’ aon fhacal, is tusa ’rinn an cron, agus is ann ormsa rinneadh e.” “Gu dearbh, tha thu ceart gu leor, Abon Hasain,” ars’ an righ, agus e ’deanamh gàire; “ach gus comhfhurtachd a thoirt dhut, agus gus paigheadh a thoirt dhut air son na dh’ fhuiling thu de dhragh ’s de thrioblaid, tha mi ’gairm air neamh mar fhianuis gu ’m bheil mi deas agus deonach dioladh sam bith a dh’ iarras tu a thoirt dhut.” An uair a labhair an righ na briathran so, thainig e ’mach as a’ chlosaid, agus dh’ ordaich e deise anabarrach riomhach a thoirt a steach, agus a cur mi Abon Hasan. Rinneadh so gun dail. An sin rug an righ air ’na ghairdeanan, agus thuirt e: “Is tu mo bhràthair; iarr rud sam bith a thogras tu orm, agus bheir mi dhut e.” “A Cheannaird nan Creidmheach,” ars’ Abon Hasan, “tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n innis sibh dhomh ciod an dòigh air an do chuir sibh mo cheann troimh a cheile, agus ciod an t-aobhar a thug oirbh a dheanamh; oir tha e ro fheumail dhomhsa fios an aobhair fhaotainn am mach, a chum gu ’n tig mo thùr ’s mo chiall gu ceart g’ am ionnsuidh.” Bha ’n righ toileach gu leor am fiosrachadh a bha dhith air a thoirt dha, agus thuirt e: “Anns a’ cheud àite, biodh fios agad gu ’m bheil mise gu tric ’g am chur fhìn as aithne, agus gu h-àraidh air an oidhche, a chum gu ’m faic mi am bheil cùisean a’ dol air an aghart gu ceart ann am Bagdad. Agus o ’n a tha toil agam fios fhaotainn ciod a tha ’dol air aghart anns gach iomall dhe ’n bhaile, tha mi ’cur a’ cheud oidhche dhe ’n mhios air leth gus sgriob a thoirt mu ’n cuairt, uaireannan air aon taobh dhe ’n bhaile, agus uaireannan air an taobh eile, agus an àm a bhith tilleadh dhachaidh, tha mi ’n comhnuidh a’ dol tarsuinn air an drochaid. Am feasgar ud a thug thusa cuireadh dhomh gu m’ shuipear, bha mi air tilleadh bhar mo chuairt. Agus anns a’ chòmhradh a bha eadrainn dh’ innis thu dhomh gu ’m b’ e an aon rud a bha thu ’miannachadh, gu ’m biodh tu ’nad righ fad cheithir uairean fichead, a chum gu’n deanadh tu peanas air an t-sagart, agus air a’ cheathrar chomhairleach a bh’ aige. Bha mi ’smaointean gu’n tugadh an rud a bha thu ’miannachadh toileachadh is culaidh-spors gu leor dhomh, agus chur mi romham gu ’n tugainn dhut e. Thachair gu’n robh fudar araidh agam aig an am, a chuireas duine ’na throm-chadal cho luath ’s a ghabhas e e. Chur mi rud dheth gun fhios dhut anns a’ glaine mu dheireadh a thug mi dhut. Ghrad thuit thu nad chadal, agus thug mi òrdugh do m’ sheirbhiseach do thoirt do ’n luchairt, agus dh’ fhalbh mi as an taigh agad gun an dorus a dhunadh. Cha ruig mi leas teannadh ri aithris nan nithean a thachair anns an luchairt an uair a dhuisg thu, agus fad an latha gu greis dhe ’n oidhche. Ach an deigh dhomh cuirm a thoirt dhut, chuir aon dhe na mnathan uaisle rud dhe ’n fhudar cheudna anns an fion dhut; agus cho luath ’s a thuit thu nad chadal, thug an seirbhiseach leis thu do d’ thaigh fhein, agus fhag e an dorus fosgailt. Dh’ innis thu fhein dhomh gach ni a thachair ’na dheidh sin. Cha do smaoinich mi riamh gu’n rachadh tu troimh ’n trioblaid troimh ’n deachaidh tu. Ach o ’n a tha meas mor agam ort, ni mi gach ni ’nam chomas gus comhfhurtachd a thoirt dhut agus toirt ort do thrioblaidean gu leir a dhichuimhneachadh. Smaoinich air ciod bu mhath leat mise dheanamh dhut, agus na biodh naire sam bhith ort do mhiann a leigeadh ris dhomh.” (Ri leantuinn.) NA PARLAMAIDEAN CRUINN—Dh’ fhosgladh an àrd-pharlamaid ann an Ottawa Dior-daoin air an t-seachdain so, agus pàrlamaid na Roinne ann a Hafacs Di-ciaduin. Cha ’n eil dùil ris an àrd phàrlamaid a bhi cruinn a bheag thairis air tri miosan air an uair so, oir tha Sir Wilfrid Laurier air a chuireadh gu bhi lathair aig crùnadh an righ, agus feumaidh e falbh romh dheireadh a mhios Màigh. Bidh gnothuichean na pàrlamaid air an aobhar sin air an giorrachadh. BAS LE LOSGADH—Air an latha mu dheireadh dhe ’n mhios a dh’ fhalbh, bha bean Mharc Wadden, ann an Glace Bay, air a losgadh gu bàsmhor ’s i dol mu obair an taighe. Air dhi a bhi timchioll an stobh ghreimich an teine air a cuid aodaich, agus mu ’n d’ fhuaireadh a chur as bha i air a losgadh cho dona ’s gu ’n do chaochail i an ceann naodh latha. Bha i ann an cràdh mor fad na h-ùine sin, gus ’n do chuir am bàs crioch air. BAS MHORAIR DUFFERIN—Chaochail an duin’-uasal so na dhachaidh féin an Eirinn maduinn Di-ciaduin s’a chaidh. Bha e ann an droch shlàinte o chionn ùine mhor, agus bha làn dhùil ri ’bhàs. Bha e tri fichead is sia bliadhn’ deug a dh’ aois. SGIORRADH BASMHOR EILE—Chaidh fear Rob Glover á St. Stepheh, N. B., a mharbhadh aig an obair-iaruinn Di-ciaduin. le wire bheò a thuit air an àm dha bhi ’fhrithealadh aon de na h-innealan. [TD 183] [Vol. 10. No. 24. p. 7] ’S Mi Fagail Mo Dhuthcha. LE DUGHALL MAC LACHAINN. ’S mi fàgail mo dhùthcha tha mo shùil as mo dhéigh ’Nuair a dhirich mi ’m bruthach thug mi sùil air an treud, Bha ’n gleannan shios fodham làn de chrodh mar an fhéill, ’S na laoigh bheaga cho uallach ruith cho luath ris na féidh. Shuidh mi sios air an toman bu neo-thog’rach mo ghleus, Dol a dheanadh dhuit oran a ghlinn bhoidheich na spréidh, ’S do bheanntanain àirde is àilleadh fo ’n ghréin, G’ am fhalach bho m’ chàirdean a’s m’ fhàrdach nam dhéigh. ’S mithich dhomhsa bhi ’g éiridh bho ’n tha ’n t-astar cho mor, Tha na luingeas aig acair ach tha m’ acaidsa mor; Tha gach ni a cuir as dhomh, chaill mo chasan an treoir, ’S mo chridhe cho brùite ’s mo shùilean làn dheoir. Aon sealladh dhomh fhathast air na srathaibh gu léir, Aon sealladh dhomh fhathast air a bhaidein tha ’m dhéigh, Mile beannachd le Lachann, ainm m’ athar na tréig, Lean thusa a dhoighean air choir anns gach ceum. Tha m’ inntinn fo luasgan bhi gluasad nan seol, An acair ri guallainn ’s an trom chuan fo sroin; Tha mise mar chreutair ’san t-eug air mo thoir, B’ fhearr nach d’ fhàg mi mo chéile, b’e ’n eubhachd bhi d’ choir. Air bhàrr nan tonn dù-ghorm rinn sinn Stiùireadh gu foil, Bha ’n oidhche air dùnadh ’s gun do bhrùchd oirnn an ceo; Ach ar sgiobair bha tùrail, cha tug sùil far nan seol, Fo stiùireadh na combaist, ’s an trombaid na dhorn. Aig bristeadh na maidne bha ’n cladach ga ’r coir, Gu ’n do thilg sinn an acair ach bha m’ acaid-sa mor, Na ’m shineadh air déile cha robh léigh ann air bord, A bheireadh dhomh cobhair ged a gheibheadh e or. Tri fichead mile dhomh fathast tha ’n t-astar sin buan, Ma ’n ruig mi thu Anna ’s bithidh mi fallain gu luath; Ma lean thu ri d’ àbhaist bu mhor do ghràdh dhomh ’s gach uair, Bho ’n a bha mi na ’m phàisde gus an d’ fhas mi a suas. Marbhrann Do Dhonnachadh Mhic-Bhlair, tuathanach ann an Ile, a chaochail Mios Meadhonach an Earraich, 1867. LE UILLEAM MAC-DHUNLEIBHE. GUTH. An cluinn thu ’tearnadh o chnoc na faire, Fuaim nan cas-cheum tiamhaidh trom, ’S an ceol tursach ag aomadh, “Cha till mi tuille” gu saoghal nam beo? Tha ’n caomhan Criosdail, Gu h-iosal gun chlaisteachd gun iul, Air muthadh o bheatha gu bàs. FREAGRADH. Ged a dhearrsas grian air corsan cian nan speur; ’S ged a ruitheas dealanach nam biorag dearg, A’ sgoltadh rathad a thoirm ’n a dhéigh; Ged a thogadh crith-thalmhainn, O ghrunnd an domhain, le freoth-theine, Beanntan Albainn as ùr, ’S an sughadh a rithisd ’ur an comhnard; Ged a sheideadh ceithir ghaothan na cruinne, A’ togail, ’na h-aon bhuinne colgach, An fhairge mhotharach gu h-iomall a meud; Ged a thilgte, ’n am pronnach mean, Creagan ailbhinn nam beann An slugadh farsuing a’ chuain; Ged a sgoilteadh an talamh, Gu iasga nan uisgean mora Falaicht’ an diomhaireachd a’ chuain; Ged a rachadh carraig Dun-an-Righ ’N a gaineamh mhin an Loch-eite; Ged a dh’ eireadh armailt fineachan, ’S an leoghann dearg, buadhach, Le smachd rioghail na h-Alba, A’ casgairt gach nàmhaid Aig an robh de dhànachd a dhusgadh; Ged a sheideadh ràn na dùdaich O bhunait gu bàrr nan stùcan liath, Ag iarraidh a mach nan Gàidheal, Aluinn ’n an cruth, àrd ’n an gniomh, Treun, uasal, dileas, gan mheatachd, Na gaisgich o na frithean coillteach, A’ greasadh le graoinneachadh Crois tarra, Gus an arfhaich, a ghleidheadh a’ chrùin Do nighean rioghail Righ Seumas, Na h-Ailpeinich ’s na dh eirich dhiubh Gu steidh a morachd; Ged thigeadh so uile, cha chluinn ’S cha duisg e o chadal udlaidh sgàil a’ bhàis. Sint’ an uaigh dhorcha na tosdachd, Tha ’n caomhan bàigheil fo ghlais nam marbh, ’S ’àite falamh aig cagailt an aoraidh— Far nach faodadh mi-bheus labhairt, ’S nach d’ thug fasgadh riamh do mhi-run. GUTH. Bhrist freumhach aosd’ de chraobh Chlann-Bhlair; Bithidh so air ’fhàgail air a lic; Cliu nach ’eil tric, ach is fior a dh’ innsear Leis na fhuair air eolas: Aoidheil, caoimhneil ri bochd; Uasal, macanta ’n a bheus; Firinneach, dileas, gun fhoill, A thug an dlighe mar a thoill Do gach aon. Bha beannachd luchd-tuarasdail Duit air tir ’s air muir, Mar a thuit do chrannchur. Thus’ a shiubhlas cuan nan gabhadh, Faic ’s an lar ’n a chaisil-chro, Maraiche cruadalach, dàna, A bu tric a sheas anradh gaoithe a’s fairge, Air tonnan feargach sruith a’s seididh. Thus’ a ghleidheas an tread Air aisir nan sleibhtean lusrach, Tog a nall o sgurr an eas, Neoineag gheal eagach an fhàsaich; Cuir an so i air uaigh A’ bhuachaille d’ am bu dùthchas Còmhall corrach nan treulan lionmhor. Bha ’m fear dileas so an sud ’n a oige, Aig cro ’s aig creachann ’g an cuallach. Seas air a lic a’s guidh do chrioch A bhi le sith mar a thugadh dhàsan. Iadsan a Phaigh. An t-Urr. Iain I. Mac-Neill, Iona. An t-Urr. A. M. C’Hundley, River Bourgeois. M. D. Caimbeal, Baoghasdal. Tormad D. Mac Neill, Benacadie. Lachuinn Mac Guaire, Abhainn Mheadhonach. D. R. Boyle. Arichat Iar. D. I. Mac Dhughaill, S. W. Margaree. Iain Mac Gille-mhaoil, Horne’s Road. Mrs N. Nic Gille-mhicheil, Hogamah. Niall I. Mac Neill, Rudha Ghilliosa. Domhnull I Mathanach, Beinn Hogamah. Tormad O. Mac Neill, Marion Bridge. Mairi E. Nic Gilleain, Gabarus. A. B. Domhnullach, Meat Cove. Iain Stiubhart, Gleann a’ Phiobaire. Ailean Camaran, Abhainn Dhennis. A. D. Mac-Suinn, Glascho. Domhnull Caimbeul, Bras d’Or Mor. Iain L. Mac-Gilleain, Woodbine. Alasdair Mac-Mhanainn, Braidalba. E. P. I. Alasdair Mathanach. Gleann Uilleim, E. P. I. Aonghas M. Domhnullach. Shamrock, E. P. I. Agnes Dhomhnullach, Monticello, E. P. I. Niall Stiubhart. Halifacs. N S B. Nic-Neachdain, Loch na h-Aibhne Deas Bantrach T ’Ic-Ritchie, Scotstown, Que. Uilleam Urchadan. Vancouver. B. C. Alasdair Beutan. Otter, B. C. Iain Sutharlan, Rockland. N. B. D. Mac-Gill-fhinnein, McLennan, Ont. Daibhidh Speinns, Toronto, Ont. Iain Mac-Calum, Heather, Ont. Cailean Mac-Ritchie, Holeb, Maine. D. I. Mac-Pharlain, San Francisco. Cala. Domhnull Moraidh, Northcote, Minn. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blàthachaidh thaighean a dheanamh le deoch luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheahamh an calamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 184] [Vol. 10. No. 24. p. 8] Iain Ghlinne-Cuaich. ’S trom mo mhulad mu ’n sgeul A tha ’n diugh ann am beul gach neach, ’S e chuir m’ acain cho geur Gur a sgeul e nach feud mi ’chleith. Thoir an t-soraidh so bhuam Dh’ ionns’ an fhleasgaich a’s uaisle dreach; Dh’ fhàg e aiceid am thaobh, ’S chuir e saighead an Aoig fo m’ chrios. Ach ged thug mi mo ghaol Air dhoigh is nach faod mi chleith, Cha b’ e gille bochd truagh Ris ’n do tharruinn mi suas mar fhear, Ach am fiuran deas, ùr, A dhìreadh an stùc-bheinn chas, ’S ’dheanadh fuil air an drùchd Leis a ghunna nach diultadh srad. Cuim’ an ceilinn air càch Gu bheil agam dhut gràdh nach mùth; ’S beag an t-ioghnadh ged tha, Nuair a chithear fo t’ annaibh thu. ’S math thig dag’ a ghleois dhearbht’ Agus sgiath nam ball meanbha dlùth, Mar-ri claidh’bh a chinn oir, Air crios daingeann a choir mo rùin. ’S math thig sud air mo rùn Boineid bhallach a’s dù-ghorm neul; Dos de ’n t-sioda na ’cùl Air a tharruinn gu dlùth o ’n mheur; Mar-ri deis’ a bhiodh daor De na bhreacan bu chraobh-dhearg snàth, Is air faidhir an righ Gu ’m bu bhriagha leam fhìn an Gaidh’l! O Iain Ghlinne-Cuaich, Fear do choltais cha dual da fàs; Do chùl bachlach na ’dhual, ’S e gu camalùbach suas gu bhàrr, ’S i do phearsa dheas, ghrinn, A dh’ fhàg mise cho tinn le gràdh; Cha ’n fheil coire ort ri ’innse O mhullach do chinn gu d’ shàil. ’Fhir nan calpannan treun’, ’S tu a’s geanaile ceum ’san ròd; Thig brog bhileach dhubh sheang Air troigh ’shiubhladh an gleann gun bhòsd; Cha b’ e umbaidh no Gall Dh’ an tug mise mo gheall ’s mi og; Ach am fiuran gun fhoill ’Dh’ fhàs gu h-iriseal, aoidheil, coir. Gur h-e ’n Domhnallach ùr Dh’ an dug mise mo rùn cho mor; Dreach na grein’ air do ghruaidh, ’S dealt na meala mu chuairt do bheoil. Is nan digeadh ort gairm Ort a laigheadh na h-airm, a sheoid; Ge b’ e dhùisgeadh dhuit fearg Bhiodh do chupa dhaibh searbh ri ’ol. Cha b’ ann an doire nach b’ fhiu ’San do chinnich am fiuran àrd, Ach a coille thiugh dhlùth ’Bhiodh gu duilleagach, ùr fo bhlàth. Cha b’ i crùnach nan crann Dh’ an do chrom mi mo cheann gu làr, Ach fior abhall gun mheang A chinn ann an lann nan sàr. Ach an trian dhe do chliù Cha chuir mise, a rùin, an géill;— ’S caoimhe faiteal dhe d’ ghnùis Na ùr choille fo dhrùchd ri gréin. Gu ’m b’ e miann mo dha shùil A bhith sealltuinn gu dlùth ad dhéidh; ’S math a b’ airidh mo rùn s’ Air ban-oighre a chrùin fo ’sgéith. Iain, Iain, a ghaoil, Cuim’ a leig thu mi faoin air chùl, Gun ghuth cuimhn’ air a ghaol A bha againn araon o thùs. Cha dug mise mo spéis Do dh-fhear eile fo ’n ghréin ach thu, Is cha tabhair ad dheidh Gus an càirear mo chre ’san ùir. ’N cuimhne leatsa an là ’Bha sinn shios anns an àth le chéil’? ’S tu nach diultadh mo làmh Nam biodh m’ aigneadh ’san àm ad réir. Ach na bitheam fo ghruaim, Ged nach faighinn, a luaidh, do spéis; Tha a chaora bhochd slàn, ’S tha am madadh mar’s àill leis féin. Bha mi uair ’s cha do shaoil mi Gu ’m bithinn cho faoin ’am chéill, Is gu ’n dugainn mo ghaol Do dh-fhear ’shealladh cho caol am dhéidh, Ach ’s e ’s beus do gach aon De mhnathan an t-sao’il gu léir Bhith gam mealladh araon Le sgeulachdan faoin’ o bheul. Ged a chinn thu rium fuar, Bheil thu, Iain, gun truas ’s mi ’m chàs, ’S a liuthad là agus uair ’Chuir thu ’n géill gu ’m bu bhuan do ghràdh! Ach ma chaochail mi buaidh ’S gu ’n do choisinn mi t’ fhuath no t’ fhearg ’Nis mo bheannachd ad dheigh ’S fiach an tagh thu dhuit fhein na ’s fhearr. Ach ma thug thu rium cùl, Is nach fiu leat mi, ’rùin, mar mhnaoi, Bidh mo chridhe dheth ciùrrt’ Is cha dùisg e gu sunnd a chaoidh. ’S e mo ghuidhe ’s mo dhùrachd Do ’n te sin ’gheibh t-iul ’s do bhrigh, I bhith fallain ri ’là ’S na ’cuis-shonais a ghnàth do d’ chridh. ’S iomadh gille glan og ’Thigeadh uair le làn deoin am dhéidh, Is nach caomhnadh an t-or ’Chur a cheannach mo bhrog air féill. Imich thusa mar ’s àill Chum na té sin a’s fhearr leat féin, ’S ma ’s té àil’ tha ’san dàn Cha déid mise gu brath fo bhréid. GLEANN-A-BHAIRD. Oran do Eachann Gobha. LE SEUMAS CAIMBEUL. Eachainn fhoghaintich, àluinn, Cha seinn mi eachdraidh de bhàs ort Air eagal droch ascaoin, An duil ’s gun till thu gu d’ mhàthair, ’S mar a till bidh do chàirdean Deth bronach. ’S mar a till, &c. Sid an gille bha cliùteach, Aghaidh smearail an diùlnach; ’S bochd nach d’ fhuaradh ort cunntas Gu ’m bheil an duthaich ga t-ionndrainn; ’S cha ’n fhacas tu riamh rùisgte Aig taigh osda. ’S tu na d’ dheagh Mhac Gilleain, Gille siobhalta, flathail, Bidh na h-uaislean ga thathaich; ’S gheibhte sin ann ad dhachaidh— Mir’ is mùirn agus macnuis IS morchuis. ’S iomadh captain math cinnteach, Eadar Breatunn ’s na h-Innsibh, Nan cluinnteadh le firinn Gun deach an gill’ ud a dhith, ’Chuireadh eideadh-bron dhe ’n t-sioda ’S de shrol orra Tha do mhàthair gu tùrsach, ’S tric snith air a sùilean, So an saighead a chiùrr i, ’S i mar eun air a rùsgadh; ’S bochd nach d’ fhuaireadh sgeul ùr No bhi beo ort. Tha do phiuthar fo dhiachainn, ’S i trom, duilich, bochd, cianail, So an geamhradh a liath i, ’S i ri smaointean do riasladh Air do thaobh anns na liathan A chomhnuidh B’ e sin soitheach na creachadh, ’S truagh nach robh i ’sa choille A fàs fo dhuilleach ’s fo mheanglain, ’S a druim direach gun snaidhe, Mu ’n do chuireadh riamh maide Dhi comhladh. Tha mi sgith ’s gun mi leathach Mu dheagh bheusan an fhleasgaich; Tha ’bhean og ’s i ’n déigh leth-trom, Rugadh mac dhith de leanabh, ’S gheibh e cliu air son athair Bho mhoran. M. D. CAIMBEUL. Baoghasdal, C. B., Ian. 25, ’02. Na dean Mearachd Rubbers DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR air na prìsean a’s ìsle ann an —STOR— REDDEN, Ross Block, Sidni. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic........ AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnchaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathach agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnallaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. [TD 185] [Vol. 10. No. 25. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 28, 1902. No. 25. Comhradh EADAR EACHUNN, DOMHULL GOBHA AGUS SEUMAS. BHA Domhull Gobha ag obair gu trang anns a’ cheardaich air feasgar àraidh, agus cò thigeadh an rathad ach Eachunn mac Alasdair. Bha speal ùr aige a cheannaich e an am bùth Aonghais Bhàin, agus thainig e leatha do ’n cheardaich gus a cur air cheann. EACHUNN—So, so, a ghobha, greas ort agus cuir an speal air cheann dhomh. Tha mòran feòir agam am bliadhna, agus tha eagal orm nach teid agam air a ghearradh ’s air a chaoineachadh mu ’n tòisich a’ bhuain. Bha mi glé thrang a’ toirt dhachaidh na mònadh, agus mur b’ e sin, bha earann mhath dhe ’n fheur gearrte an diugh. Ach ciod e ’s urrainn duine ’dheanamh? Cha ’n ’eil aig mo leithid-sa ach dichioll a dheanamh air crioch a chur air aon obair mu ’n tòisich e ri obair eile. Bha ’n gobha aig an àm ag obair air deanamh acaire do ’n bhàta aig Muruchadh Beag, agus o nach robh duine aige a bheireadh buille air an iarunn leis an òrd mhòr, bha e glé thoilichte gu ’n d’ thainig Eachunn an rathad. Bu ghann gu ’n d’ thug e an aire do na briathran a labhair Eachunn, oir bha e aig an àm a’ dol fo ’smaointean feuch cia mar a b’ fhearr a dheanadh e an t-acaire. GOBHA—Is math leam gu ’n d’ thainig tu an rathad, ’Eachuinn. Tha mo cheann gus a dhol ’na bhoil an diugh. Tha acaire agam ri dheanamh, agus a dh’ innseadh na firinn dhut, is gann a tha fhios agam cia mar a chuireas mi crioch air anns an dòigh anns am bheil Muruchadh Beag ag iarraidh orm a dheanamh. E.—Nach iomadh acaire a rinn thu riamh? Cha ’n ’eil leith bhliadhna o’n a chunnaic mise thu a’ deanamh acaire cho math ’s a chunnaic mi riamh, agus shaoilinn nach do leig thu an dòigh anns an d’ rinn thu e air dichuimhn’ ann an ùine cho goirid. G.—Is e tha dhìth air Muruchadh acaire de sheòrs’ ùr. Tha bàta beag, boidheach, ùr aige, agus tha toil aige gu ’m biodh an t acaire de sheòrs’ ùr mar an ceudna. Tha moit gu leòr air a chionn gu ’m bheil bàta aige, agus bidh an tuilleadh moit air ma theid agamsa air an acaire a dheanamh dha. E.—Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is iongantach le circ aghastar a chur rithe.” Cha robh bàta riamh aige fhein no aig na daoine o ’n d’ thainig e. Anns an fhacal thainig Seumas Bàn do ’n cheardaich. Tha e ’na dhuin’ òg cho spaideil agus cho mòr as fhein ’s a th’ anns an dùthaich gu léir. Ach cha ’n urrainnear a ràdh gur e cosannaiche cho math ’s a th’ anns an dùthaich. SEUMAS—Failt’ oirbh an diugh, ’fhearaibh, tha sibh gu math busy tha mi ’faicinn. Nach anabarrach close an t-sìde ’th’ againn o chionn dà latha. Feumaidh gu ’m bheil thunder anns an air. G.—Am bheil naigheachd ùr sam bith agad dhuinn an diugh, a Sheumais? S.—Well, cha ’n ’eil. Cha d’ rinn mi ach tighinn direach o’n taigh. Tha mi ’falbh do ’n Bhail-àrd a phàigheadh cunntais bheag a th’ aig a’ mharsant’ orm. Is e duine cho droll ’s a thachair riamh rium. Tha e cho exact, agus cho fior pharticular mu dheidhinn rudan beaga suarach ’s nach ’eil mi fhin gus a bhith ’dealadh ris na ’s fhaide. Tha e car crabbed co dhiubh. Well, feumar a leithsgeul a ghabhail uair is uair. Chuala mi an doctair ag ràdh gu ’m bheil e glé dhelicate gu nàdarra, agus gu ’m bi e dona le indigestion gu math tric. Tha iad ag ràdh gu ’m bi an fheadhain a bhios dona le indigestion glé chrabbed mar is trice. E.—Nach ’eil do choimhearsnach, Alasdair Og, a’ dol a thogail taigh mòr briagha? Co ’tha gus a’ chlachaireachd ’s an t-aoladh ’s an t-saoirsneachd a dheanamh dha? S.—Well, cha ’n ’eil mi ’smaointean gu ’m bheil fhios aige fhein air a sin fhathast. Tha greis o’n a bha e ’g advertiseadh air son offers. Chuala mise gur e aon offer a fhuair e o fhear a mhuinntir an Obain, agus gu ’n robh an offer corr is fifty pounds na b’ airde na ’n t-suim a bha ’n t-architect a’ cur mu choinneamh togail an taighe. Ach cha ’n acceptadh Alasdair Og an offer so idir. E.—Feumaidh gu ’m bheil dùil aige taigh glé mhòr a thogail. Gun teagamh sam bith thainig dìleab mhòr a staigh air, ach ged a thainig, cha ’n ’eil ann ach gòraiche dha taigh mòr a thogail. S.—Tha e ceart gu leòr dha taigh math a thogail o’n a tha ’n t-airgiod aige. Ach chuala mi gu ’n d’ thug a’ ghovernment mòran dhe ’n airgiod uaithe. Tha na legacy duties, na deaths duties, agus taxes eile ri bhith air am’ pàigheadh agus tha iad gu math trom. G.—Is math le Alasdair taigh math a bhith aige an uair a thig a chuid mac dhachaidh g’a amharc. Chuala mi gu ’n do phòs Aonghas, am mac a th’ aige ann an Sasunn, boirionnach aig am bheil mòran airgid. Agus an uair a thig iad sgrìob do ’n dùthaich a dh’ amharc air na càirdean, nach biodh e ro fheumail gu ’m biodh taigh math ann anns an cuireadh iad seachad mìos no còig seachdainean. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh: “Ciod e am math a th’ air pìob mur a seinnear i?” Ciod e am math a th’ air airgiod mur cuirear gu feum e? B’ fhearr leam fhìn gu mòr taigh math a bhith os cionn mo chinn na airgiod a bhith agam anns a’ bhanca, agus a bhith ’fuireach ann an taigh beag, fuar, àitidh mar a tha aig Eoghainn mòr mac Fhionnlaidh. E.—Tha thu ceart gu leòr, a ghobha. Cha ’n ’eil mi fhin a’ creidsinn gur urrainn a’ bheag de thoileachadh an t-saoghail a bhith aig Eoghainn, ged a tha crodh is eich is caoraich is airgiod aige. ‘Cha toir e fo ’n ùir na ’s mò na bheir Callum.’ An duine truagh! Tha e ’muigh a’ buachailleachd a’ chruidh ud aige a h-uile madainn mu ’m bi duine air a chois anns na bailtean. Cha rachadh tu do ’n pholl-mhònadh leis an aodach a bhios air. G.—Nach ’eil e deanamh iodhol dhe ’n stoc mhath a th’ aige, agus tha sin aige stoc math gun teagamh. Is fhearr leis éis a bhith air a chorp fhein na éis bhith air an stoc. E.—Nach ann mar sin a bha na daoine o’n d’ thainig e? Cha robh annta ach na fior thrusdair. S.—Chuala mi gu ’m bheil Eoghainn mac Alasdair òig a’ tighinn dhachaidh eadar so ’s an term. Tha mi cinnteach gu ’m bi e air son stance an taighe a chur am mach dh’ a athair. Sid agaibh far an robh gille clever. Cha ’n fhiosrach mi gu ’n d’ fhalbh fear eile as an dùthaich o chionn iomadach bliadhna a bha leith cho steady ris. Cha robh e ach gann bliadhna ’na chlerk anns an office an uair a fhuair e promotion. Cha chreid mise nach d’ fhuair e share dhe ’n bhusiness an ceann dà bhliadhna an déigh dha ’dhol do ’n office. Tha e nis ’na mhanager, agus, ma’s fhior na chuala mi, tha four hundred a year aige. Rud eile dheth, tha e engagte ri nighean a mhaighstir. Agus an uair a retireas a mhaighstir, bidh am business aigesan na lamhan fhein. Is e duine cho lucky ’s a dh’ fhalbh as an dùthaich so o chionn fada. Bha taste math riamh aige, agus chi sibhse gu ’m point e ’mach stance ann an aite glé fhreagarrach. Bha ’athair a’ maideachadh air stance a chur am mach faisge air a’ chreig ghlais, a chionn gu ’n robh deadh thobar laimh ris, ach bha ’n t-architect ag radh ris nach supplyeadh na bha de dh’ uisge anns an tobar an taigh idir, agus gu ’m feumteadh force-pump a bhith ann gus an t-uisge chur suas do ’n bhath-room, ar neo an stance a pointeadh am mach far am faighteadh an t-uisge thoirt do ’n taigh le gravitation. G.—Esan’s a bhath-room! B’ eòlach a sheanair air. Ach ma theid aige air fhaotainn, c’ ar son nach fhaigh e e? Is mòr a b’ fheairrde mi fhin tumadh fhaotainn anns an uisge uair is uair. Tha mi ’n diugh fhein a cheart cho dubh ri gobha, mar a tha ’m facal ag ràdh. Ach theid mi do ’n amhainn ud thall, agus bheir mi sgoladh math orm fhin an uair a gheibh mi crioch a chur air an acaire aig Muruchadh. Dunaigh air fhein agus air an acaire. B’ fhearr leam gu ’n ’robh e fhein, agus am bàta, agus an t-acaire anns an Tuirc. E.—Cha robh snàmhaiche anns an dùthaich cho math ri seanair Alasdair. Bha ’athair, Alasdair mòr, mar a theirteadh ris, ’na dheadh shnàmhaiche mar an ceudna. Tha cuimhne glé mhath agamsa air an latha ’thug e mac Challum ruaidh bhar a’ ghrunna. Bha e an uair ud tri fichead bliadhna. Chaidh mac Challum ruaidh agus triuir no cheathrar de ghillean eile a shnamh. Chaidh e bhar àite grunnachaidh. Leig na gillean an aon ghlaodh asda gu ’n robh mac Challum air a bhàthadh. Am mach a ghabh Alasdair mòr o’n iomaire bhuntata ’bha e ’glanadh, agus bha e ’tilgeadh dheth ball is ball dhe ’chuid aodaich mar a bha e ’ruith ’na dheannaibh thun a’ chladaich. Shnàmh e gus an d’ rainig e far an deachaidh an gille fodha. Chaidh e fodha mar gu ’n deanadh an fnalcag, agus thug e an gille gu tìr. Bha ’n deò ann air eiginn, agus leis a h-uile dòigh a dh’ fheuch iad ris, thugadh air éiginn o’n bhàs e. G.—An e sin am fear ris an cainte, An gille bàithte? E.—’S e. Agus b’ e sin an deadh ghille, agus an deadh dhuine. G.—Cha ’n ’eil daoine an diagh cho math gu snàmh ’s a bha iad an uair ud idir. Is aithne dhomhsa gu leòr a rugadh ’s a thogadh ri cois a’ [TD 186] [Vol. 10. No. 25. p. 2] chladaich nach dean buille shnàmha na ’s mò na ni a’ chearc guir. E.—Tha iad ag ràdh riumsa gu ’m bheil luchd-riaghlaidh na rioghachd ag iarraidh gu ’m biodh daoine òga na rioghachd ag ionnsachadh snàmha. Tha dà aobhar aca air son a bhith ’ga iarraidh so. An toiseach, cha ’n ’eil iad cho mòr ann an cunnart a bhith air am bàthadh; agus a rithist, bidh a’ mhuinntir a bhios a’ snamh gu tric mòran na ’s fallaine na daoin’ eile. G.—Chuala mise iomadach uair daoine ’g ràdh gu ’n deachaidh snàmhaichean cho math ’s a bh’ anns an dùthaich a bhàthadh. Nach ’eil sin iongantach? E.—Cha ’n ’eil e cho iongantach ’s a shaoileas tu. Ma dh’ fhanas tu gu ’n dol an còir na mara, cha bhàthar gu brath thu. Agus a thaobh nan snàmhaichean matha, bàthar iad mar a bhàthar daoin’ eile, ma theid iad tuilleadh is dàna air a’ mhuir. S.—Feumaidh mise falbh air cheann mo ghnothach fhìn. So long, fhearaibh. G.—Nach e an duine ud a b’ airidh air gabhail dha le taod fliuch. An cual’ thu fhein an seòrsa Gàilig a th’ aige? E.—Chuala mise Gàilig bu mhiosa na sid aige iomadach uair. Tha eagal air gu ’m maoidheadh tu air mar a rinn thu an latha mu dheireadh a bha mise an so. G:—Mhaoidh mise air lath’ eile gu ’n cuirinn an t-iarunn dearg ’na amhaich mur sguireadh e dhe ’n t-seorsa bruidhne ud. E.—Tha toil aige leigeadh ris gu ’m bheil a’ Bheurla gu math pailt aige. G.—So, so, grad bheir air an òrd mhòr, agus thoir buille mhath no dha air an iarunn so. IAIN. Daibhidh Stiubhard. LE IAIN. CAIB. IV. GU ’N sealladh Ni Math ormsa,” arsa mise, agus mi ’togail mo ghuth an àirde, “ciod a tha sibh a’ ciallachadh? Feumaidh gu ’n cuala sibh droch naigheachd air choireiginn mu m’ dheidhinn.” “Chunnaic mi fhin a’ choire a tha mi ’ciallachadh, a Dhaibhidh,” ars’ ise, agus i ’bruidhinn gu stòlda. “Ni Math ’gam bheannachadh, a bhean chòir! tha sibh ’g am chur ’nam bhreislich?” arsa mise; “ma ’s e rud sam bith olc a tha sibh a’ cur as mo leith, tha mi ’g ràdh ribh am muigh ’s am mach nach ’eil e fior.” “Is docha nach ’eil thusa ’smaointean gur e olc a th’ ann,” ars’ ise ’s i freagairt “ach tha eagal ormsa gur toigh leat drama, agus o’n is math leamsa mo nighean a bhith sona, cha ’n urrainn domh gun bruidhinn riut m’a dheidhinn.” “Drama!” arsa mise; “gu ’n gleidheadh an sealbh sinn! am bheil cron sam bith ann an drama?—is e an rud mu dheireadh anns an saoilinn am biodh cron. “Feòraich dhe ’n mhnaoi bhochd aig am bheil an cridhe-bristeadh—feòraich dhe ’n teaghlach a tha ’dol bàs a chion a’ bhéidh—feòraich de dh’ fhear a’ phrìosain, agus dhe ’n fhear a bhios a’ cladhach na h-uaghach—feòraich dhe ’n doctair agus [?] mhinistear—feòraich [?]ainn a bhios a’ roup an innsridh aig crois a’ bhaile, agus dhe ’n fhear aig am bheil a’ bhratach bheag an crochadh am mach air an uinneig—feòraich dhe ’n leabaidh bàis—feòraich dhe ’n t-siorraidheachd, a Dhaibhidh Stiubhard, agus innsidh [?] drama.” “Tha mi ’n dòchas, a bhean chòir,” arsa mise, agus mi gu math corrach ’nam inntinn anns an àm, “tha mi ’n dòchas, a bhean chòir, nach ’eil sibh a’ smaointean gur e misgear a th’ annamsa. Theid agam air a ràdh le firinn nach ’eil mi gabhail, ach uair ainneamh, deur a bharrachd air a dhà no tri ghlaineachan aig an aon àm; ach theid na daoine a’s fhearr is aithne dhomhsa uair is uair bhar nan còraichean. Tha mi ’g innseadh na fìrinn dhuibh, is e trì ghlaineachan an riaghailt ris am bheil mise, mar is trice, ’cumail. Tha mi gu math tric ag ràdh ris na daoine a bhios ag òl comhladh rium, nach tig fortan ’nar rathad gus an òl sinn an dara glaine, agus nach bi sìth againn an deigh dhuinn an ceathramh té òl. Chi sibh mar so nach ’eil cunnart sam bith ann dhomhsa.” “Ah, Dhaibhidh,” ars’ ise, “ach tha cunnart ann. Tha cleachdaidhean a’ fàs na ’s treis, agus tha nàdar a’ fàs na ’s laige o latha gu latha, agus mar sin, tha daoine, beag air bheag, a’ call an cumhachd air cur an aghaidh an uilc. Agus faodaidh gu ’n tig thu ri ùine gu bhith ’gabhail a ceithir, no còig, no sia de ghlaineachan aig an aon àm. Agus ma dh’ fhaoidteadh gu ’n d’ thig thu mu dheireadh gu bhith ’gabhail làn a’ bhotuil. An sin thig am bàs ort, agus fàgaidh tu mo nighean-sa ’na bantraich bhochd, thruaigh, le cridhe briste.” “Gu fìrinneach, ceart, a bhean chòir,” arsa mise, “labhair sibh briathran glé thùrail roimhe so, ach dh’ fhalbh sibh leis an t-sruth orm buileach glan a nis—cha ’n ’eil bhur cainnt idir reusanta. Coma co dhiubh, gus làn riarachadh a thoirt do ’r n-inntinn anns a chùis so, bheir mise bòidean anns a’ mhionaid nach— “Na bi tuilleadh is bras gus bòidean a thabhairt,” ars’ ise; “tha e furasda gu leòr bòidean a thabhairt, agus tha e mòran na ’s fhusa am bristeadh. Ach cuimhnich am feadh ’s a bhiodh tusa cridheil, sunndach ann an cuideachd do chompanach ’s an taigh-òsda, gu ’m biodh mo nighean-sa a’ cnàmh ’s a’ dol as ’na h-onar a staigh. Agus ged nach abradh i facal riut an uair a thigeadh tu dhachaidh, cha b’ e sid an dòigh air am biodh tu ’giulan a gràidh mar shlabhraidh òir mu d’ amhaich. Ach oidhch’ an déigh oidhche bhiodh faileabhag an deigh failbheig dheth a’ bristeadh gus mu dheireadh am biodh iad briste gu léir. Agus ged nach biodh sibh a’ fuathachadh a chéile, gheibheadh sibh am mach an ùine gun bhith fada nach robh tlachd sam bith agaibh dh’ a chéile. Cha bhi boirionnach sam bith fada gun fhàs coma de dhuine aig am bi barrachd toil a bhith anns an taigh-òsda na bhith ’na shuidhe ri taobh a theine fhéin ann an cuideachd a mhnà. Cha ’n ’eil mi ’ciallachadh nach bu chòir dhut a dhol uair sam bith do chuideachd; ach feuch nach dean thu cleachdadh dheth.” CAIB. V. THAINIG madainn a’ phòsaidh agus gu fìrinneach ceart bha mi ’smaointean gur e beannachd mhòr a th’ ann nach ’eil aig daoine ri bhith pòsadh a h-uile latha. Cha ghabhadh an stail gheal mhuslin a bha gu bhith mu m’ amhaich ceangal ceart mar bu ghnath, agus mur b’ e nach robh toil agam a bhith ris na mionnan air latha a phòsadh, tha mi cinnteach gu ’n robh mi air droch ghuidhe a dheanamh do na meoirean aig an té a dh’ iarunnaich i. Chuir i mòran de stuthaigeadh innte!—rud, tha mise cinnteach gu leòr, nach cualas gu ’n d’ rinn té riamh roimhe, agus rud nach d’ rinn mo mhàthair fhin co dhiubh. Bha ’n stail cho cruaidh ’s cho preasach ’s cho doirbh a ceangal ’s nach robh fhios agam air an t-saoghal mhòr cia mar a rachadh agam air snaim a chur oirre. Bhòidich mi nach b’ urrainn mi cur suas leatha. Cha robh ach leith uair gus am biodh an t-àm againn a bhith ’falbh do ’n eaglais. Dh’ fheuch mi ris a h-uile seòrsa snaim air an cualas riamh iomradh a chur air an stail, ach leis na bh’ innte de ’n stuthaigeadh, cha robh snaim a dh’ fheuchainn ri chur oirre ach fear bu mhiosa na cheile. Mhill mi tri stailean a’ feuchainn ri snaim ceart a chur orra, agus cheangail mi an ceathramh te le cruaidh-shnaim. Cha laidheadh brollach na léine ceart air an uchd agam mar bu ghnath leis. Agus cha robh m’ fhalt a’ gabhail cìridh ceart mar a b’ àbhaist dha. “Droch crioch air a’ bhorobair,” arsa mise, “cha d’ thug e dhiom am falt ceart.” B’ e an aon bhall dhe m’ chuid aodaich a bha còrdadh rium, briogais mhath, ùr de dh’ aodach bàn-ghlas. Bha cù agam ris an cainte Miodal—mac do Ròbhair bochd air an d’ thug mi iomradh cheana. Thachair gu ’n robh an t-uisge ’sileadh fad na h-oidhche roimhe sid, agus bha Miodal am muigh air an t-sràid. An uair a thainig e steach agus a chunnaic e mi ’cur umam aodaich nach fhac’ e riamh roimhe, bha ioghnadh gu leòr air. Bha mi anns an àm ’na m’ shuidhe air beulaobh an sgàthain, agus mi ’n deigh a’ chrabhata ’cheangal. A steach a ghabh e ’na leum do ’n t-seòmar; agus an uair a dh’ amhairc e orm gu dlùth ann an clar an aodain, chàirich e a dhà spòig, fliuch, salach mar a bha iad, air mo bhriogais ùir, ghlain. Bha làrach a spògan cho soilleir ’s ged a bhiodh e air paipear geal. Bhrosnaich so mi gu h-anabarrach. Thog mi mo lamh gus buille mhath a thoirt dha, ach thòisich an creutair bochd ri crathadh earabaill, agus cha d’ rinn mi ach putadh a thoirt dha agus a ràdh, “Droch bhás ort, a Mhiodail! am bheil thu ’faicinn ciod a rinn thu?” B’ fheudar dhomh a dhol gu teine ’chitsin agus seasamh aige gus an do thiormaich an làrach fliuch, salach a dh’ fhàg spògan a’ choin air mo dheadh bhriogais. An uair a chuir mi umam a’ pheiteag cha laidheadh i ri mo chom cho math ’s bu mhath leam. Bha i làn de rocan, mar nach fhaca mi peiteag a bh’ agam riamh roimhe. Bha ’n còta mar an ceudna anabarrach teann fo na h-achlaisean; agus an uair a thionndaidh mi mu ’n cuairt gus amharc orm fhìn anns an sgàthan, thug mi an aire gu ’n robh poca mòr air eadar mo dhà shlinnean! “Cho cinnteach ris a’ bhàs,” arsa mise rium fhin, “chuir am burraidh taillear ann am mearachd còta g’ am ionnsuidh a rinn e do dh’ fhear eiginn aig am bheil a dhruim briste!” Dh’ fheuch mi an ada mu m’ cheann anns a’ h-uile dòigh air am facas ada air ceann duine riamh—leag mi a nuas faisge air mo shròin i, chuir mi gu math fada gu cùl mo chinn i, chuir mi air mullach mo chinn i, chuir mi air leith-oir mo chinn i—ach dhubh dh’ fhairlich orm a cur mu m’ cheann air dhòigh ’s gu ’n còrdadh i rium. Ach bhuail an glag a bh’ ann an Eaglais mhòr a’ bhaile leith uair an deigh a h-ochd. Cha d’ thug mi [?] romh e deich mionaidean air cur umam, eadhoin ged a bhiodh agam ris an fheusag a thoirt dhiom, agus air a’ mhadainn ud thòisich mi ri cur umam aig seachd uairean! Cha robh mionaid tuilleadh agam ri sheachnadh. Chuir mi an ada mu m’ cheann mar a dh’ fhanadh i air, thog mi [?]agus ruith mi sios an staidhre, agus ghreas mi suas an t-sràid gus an d’ rainig mi an taigh anns an robh bean mo ghaoil. Bhuail mi aig an dorus agus mo chridhe làn aoibhneis. An uair a bha sinn deiseil gus falbh do ’n [?] éirich an t-seana bhean ’na seasamh gus a beannachd a thoirt dhuinn, agus chuir i [TD 187] [Vol. 10. No. 25. p. 3] làmh Shìne ’nam laimh-sa. Thòisich i gu sàmhach ri sileadh nan deur mar is gnàth le màthraichean a dheanamh aig a leithid sid a dh’ àm. “Agus a nis, a Shìne,” ars’ ise, “mu ’m falbh sibh tha facal no dhà agam fhathast ri ràdh ribh.” “An ainm an àigh, a bhean,” arsa mise, agus mi an déigh m’ fhoighidinn a chall gu buileach, ’ni sinn an gnothach gle mhath an dràsta leis na chuala sinn, agus faodaidh sibh rud sam bith a thogras sibh a ràdh ruinn an uair a thig sinn air ais.” Cha robh gus falbh comhladh ruinn do ’n eaglais ach seann duin’ uasal, agus nighean òg; oir bha Sìne agus a màthair ag radh gu ’m b’e sid dòigh bu ghrinne na comhlan de dhaoine dhe gach seorsa a bhith ’falbh air ar sàil. Air mo shon fhin dheth, bha mi smaointean, o ’n a bha sinn a’ dol a phòsadh, gu ’m bu cho math dhuinn banais cheart a dheanamh. Ach air a shon sin smaoinich mi gu ’m b’ e an gnothach bu ghlice dhomh aontachadh leotha; agus bha mi na bu deònaiche so a dheanamh o nach robh aon de dhlùth chairdean agam ann an Duneidionn. Ach [?] aghaidh falbh ann an coidse do ’n eaglais. Ged bu Stiubhardach mi, bha dhe ’n fhuil chumanta annam na thug orm nach geillinn dhaibh. “Ma ta,” ars’ an t-seana bhean, “is i mo nighean-sa a’ cheud té riamh a bhuineadh do ’n teaghlach againn a chaidh dh’ a cois do ’n eaglais a phòsadh.” “Tha mise ’g innseadh dhuibh na fìrinn, a bhean chòir, gu ’m bu mhise a’ cheud fhear dhe ’n teaghlach o ’n d’ thainig mi a rachadh a phòsadh air dhòigh sam bith eile. Agus, a réir mo bharail-sa, tha dhol do ’n eaglais dh’ ar cois a dearbhadh gu soilleir gu ’m bheil gràdh againn d’ a chéile, agus gu ’m bheil sinn a’ dol a phòsadh le ar làn thoil; ach nam falbhamaid ann an [?] daoine shaoilsinn gu ’n robh sinn a’ dol ann gu h-éigionnach, aindeonach.” An uair a chual’ i so cha duirt i facal tuilleadh mu ’n ghnothach. Choisich sinn ’nar ceathrar sios an t-sràid gus an d’ ràinig sinn far an robh an Eaglais Shasunnach. Fad àireamh làithean roimhe sid bha mi gu dlùth a’ leughadh na bha sgrìobhte mu sheirbhis a’ phòsaidh ann an leabhar na h-ùrnuigh, a chum gu ’m bithinn comasach air gach ceisd a chuireadh am ministear orm a fhreagairt. Ach air a shon sin, cha bu luaithe a chunnaic mi am ministear air mo bheulaobh le ’ghun geal air, agus a dh’ fhairich mi làmh Shìne na mo laimh na bha e ’cheart cho math dha teannadh ri bruidhinn rium ann an Greugaisg. Bha beagan air chuimhne agam mu dheidhinn an fhainne, agus, an uair a chuir am ministear crioch air an t-seirbhis, thuirt mi gu beag ris an fhleasgach phòsaidh. “Am bheil an gnothach seachad gu léir a nis?” “Tha,” ars’ esan. “Buidheachas do Dhia air a shon,” arsa mise rium fhin. Tha sibh a’ faicinn, ma ta, an deigh dhomh posadh, agus a chionn gu ’n robh mi gu trang aig obair riamh roimhe sid, cha robh eòlas sam bith agam air mar bu choir dhomh a bhith ’dol mu ’n cuairt air feadh a’ bhaile, agus mo lamhan ’nam phòcaidean mar gu ’m biodh duin’ uasal ann. Bha mi toileach baile fearainn a ghabhail; ach cha robh Sìne toileach mi ’ghabhail gnothach sam bith ri fearann. Agus cha ’n fhuilingeadh mo mhàthair-chéile guth a thoirt air a’ leithid. Chuir mi air a comhairle mo chuid airgid am mach air riadh agus bha ’n riadh a bha mi ’faotainn air a shon ’g ar cumail suas dòigheil gu leòr. Fad shia bliadhna bha gnothaichean a’ dol air an aghart cho math ’s bu mhiann leam, agus bha sinn cho sona, agus cho comhfhurtail ’s a b’ urrainn teaghlach a bhith. Fhuair sinn triùir chloinne. B’ e nighean a bh’ anns an aon bu shinne, agus thug sinn Mairead oirre—ainm a seanamhar, a bha ’fuireach comhladh ruinn. B’ e mac a bh’ anns an dara aon, agus thug mi Andra air—ainm m’ athar. Agus thug sinn Sine air an nighean a b’ òige—ainm a màthar. Bha iad cho tapaidh, cho bòidheach, agus cho umhail ri cloinn a b’ urrainn a bhith, agus bha meas aig a h-uile duine orra. (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. XII. A CHEANNAIRD nan Creidmheach,” fhreagair Abon Hasan, “ged a bha na piantan a dh’ fhuiling mi gle mhor, tha iad air a dhol as mo chuimhne cho luath ’s a chuala mi gu ’n robh lamh aig mo thighearna ’s mo mhaighstir annta. Tha mi lan-chinnteach gu ’m bheil bhur morachd fialaidh gu leor; ach o nach robh mi riamh fhathast ag iarraidh nithean a thigeadh gu buannachd dhomh, agus o ’n a tha sibh a’ toirt cead dhomh fabhar iarraidh, tha mi ’guidhe gu ’n leig sibh leam am barrachd eolais a chur oirbh, a chum gu ’m bi de shonas agam, fad uile laithean mo bheatha, a bhith ’gabhail beachd oirbh le tlachd.” Bha so ’na dhearbhadh soilleir do ’n righ nach robh Abon Hasan ag iarraidh airgid, no oir, no inbh’ aird, agus bha meas aig’ air na bu mho na bh’ aig’ air riamh roimhe. Thuirt e ris: “Tha mi gle thoilichte leis an rud a dh’ iarr thu, agus tha mi ’ceadachadh dhut tighinn far am bheil mi aig am sam bith a thogras tu.” Aig a’ cheart am chuir an righ seomar air leith dha anns an luchairt, agus thuirt e ris nach ruigeadh e leas a dhol far an robh am fear-ionmhais a dh’ iarraidh oir no airgid an uair a bhiodh feum aig’ orra, ach e ’dhol direach far an robh e fhein, agus gu ’m faigheadh e na bhiodh a dhith air. Anns a’ mhionaid dh’ ordaich e mile bonn oir a thoirt dha. Rinn Abon Hasan umhlachd do ’n righ, agus thug e mile taing dha. ’Na dheigh sin chaidh an righ do sheomar na comhairle. Chaidh Abon Hasan gun dail far an robh a mhathair a dh’ innseadh dhi mu ’n fhortan a thainig ’na rathad, agus nach b’ e bruadar a chunnaic e idir, ach gu ’n robh e ’na righ fad aon latha, gu ’n d’ rinn e ’ghnothach gu cothromach agus gu ceart, agus gu ’n d’ fhuair e gach urram a bha dligheach do righ, agus nach robh aobhar aige teagamh sam bith a chur anns a’ chuis o ’n a dh’ innis an righ fhein dha m’ a dheidhinn. Ann an uine ghoirid fhuaradh am mach air feadh Bhagdaid, agus air feadh gach mor-roinn, fad’ air falbh is dluth air laimh, a h-uile car mar a thachair do Abon Hasan. Bhiodh Abon Hasan an comhnuidh ann an cuideachd an righ, oir bha e ’na dhuine tlachdar, deadh-chainnteach, geur-chuiseach, agus cha b’ urrainn an righ a bhith beo as ’aonais. Far am biodh toil aig an righ fearas-chuideachd a dheanamh, dh’ fheumadh Abon Hasan a bhith ’na chuideachd. Bu tric leis a thoirt do sheomar na ban-righ Sobaide. Dh’ innis e dhi mar a rinneadh air Abon Hasan, agus thug an naigheachd toileachadh gu leor dhi. Thug Sobaide an aire gu ’m biodh Abon Hasan a’ toirt suil gle bhlath air te dhe na mnathan-coimhideachd a bh’ aice, do ’m b’ ainm Noushatal, a h-uile uair a rachadh e do ’n t-seomar comhladh ris an righ, agus chuir i roimpe gu ’n innseadh i so do ’n righ. Air lath’ araidh thuirt i ris an righ: “A Cheannaird nan Creidmheach, cha ’n ’eil sibhse ’toirt an aire mar a tha mise, nach ’eil Abon Hasan a’ togail a shul bhar Noushatal a h-uile uair a thig e steach an so comhladh ribh. An uair a chi i gu ’m bheil e ’sealltainn oirre, fasaidh a h-aodann dearg, agus tha sin ’na chomharradh gle chinnteach gu ’m bheil meas aice air. Mur ’eil dad agaibh ’na aghaidh, bu choir dhuinn toirt orra posadh.” “A bhaintighearna,” fhreagair an righ, “tha sibh a’ cur ’nam chuimhne rud bu choir dhomh a dheanamh roimhe so. Dh’ innis Abon Hasan dhomh a bharail air staid a’ phosaidh, agus bha mi ’n comhnuidh a’ gealltainn gu ’m faighinn bean dha a chordadh ris. Tha mi ro thoilichte gu ’n d’ ainmich sibh an gnothach dhomh; oir cha ’n ’eil mi tuigsinn cia mar a leig mi air dichuimhn e. Ach is fhearr dhuinn leigeadh le Aon H [?] té thogras [?] ’eil dad aig Noushatal ’na aghaidh, cha choir dhuinn an cumail o phosadh. Agus o ’n a tha iad le cheile an lathair, cha ’n ’eil aca ach a radh gu ’m bheil iad deonach.” Leig Abon Hasan e fhein ’na shineadh aig casan an righ ’s na ban-righ, mar chomharradh gu ’n robh e ’cur meas air a’ chaoimhneas a bha iad nochdadh a’ dha; agus an uair a dh’ eirich e ’na sheasamh, thuirt e: “Cha ’n urrainn domh bean fhaighinn o lamhan a’s fhearr, ach is gann a chreideas mi gu ’m bheil Noushatal cho toileach am posadh a dheanamh ’s a tha mi fhin.” An uair a thuirt e so, sheall e air Noushatal. Cha duirt i facal, ach dh’ fhas a [?] math ruighteach, [?] righ gu ’n robh i toileach gu leor Abon Hasan a phosadh. Gun dail sam bith rinneadh am posadh anns an luchairt, agus rinneadh banais mhor, eibhinn, aighearach dhaibh a mhair aireamh laithean. Thug an righ ’s a’ bhan righ iomadh tiodhlac luachmhor dhaibh. An deigh do ghreadhnachas na bainnse a dhol seachad, bha Abon Hasan agus a bhean a’ cur seachad na h-uine maille ri cheile anns na seomraichean a thug an righ dhaibh, agus bha iad cho riaraichte le ’n staid, agus cho miadhail air a cheile ri dithis a b’ urrainn a bhith. Bha Noushatal ’na boirionnach cho glic, cho tuigseach, agus cho tlachdar anns gach doigh ’s gu ’n tairngeadh i ’mach gradh fir sam bith. Bha iad a’ caitheamh am beatha gu soghail gach latha. Cha robh biadh no deoch a b’ fhearr na cheile nach robh aca air a’ bhord a h-uile latha ’s oidhche; agus o ’n bha iad le cheile gle dheadh-fhaclach, agus gle gheur-chuiseach, cha b’ i a’ chuirm gun a comhradh a bh’ aca. Agus an uair a bhiodh iad sgith a’ comhradh ri ’cheile, bheireadh iad greis a h-uile oidhche air seinn ciuil ’s air gabhail oran. Lean iad air an obair so fad uine mhath gun ghuth aca gu ’n robh iad a’ ruith am mach as an cuid gle luath. Mu dheireadh thainig am fear o ’n robh iad a’ faotainn gach ni a bha iad a cosg leis a’ chunntas g’ an ionnsuidh. An uair a chunnaic iad a’ chunntas, ghabh iad uamhas, oir bha e moran na bu mho na bha iad an duil. Thuig iad gu ’m feumadh iad a h uile dad a bh’ aca ris an t-saoghal a reic, no ’mhalairt, gus na fiachan a phaigheadh. Agus thug so orra ’bhith ’faicinn gu ’n d’ rinn iad gnothach gle ghorach an (Air a leantuinn air taobh 190.) [TD 188] [Vol. 10. No. 25. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 23, 1902. Breatunn is Iapan. THA Breatunn is Iapan an deigh cùmhnant a sheulachadh a thaobh chùisean na h-àirde ’n ear. Tha Ruisia o chionn iomadh bliadhna a’ rùnachadh na ’s urrainn dhi de dh’ fhearann Shina a ghlacadh dhi féin, agus is ann air son sin a bhacail ’tha Breatunn is Iapan air dol an guaillibh a chéile. Tha toil aig an da rioghachd sin Sina a chumail slàn mar a tha i, saor o cheannsal Ruisia ’s gach dùthaich eile bhiodh deònach a creachadh. Cha ’n eil teagamh nach dean an cùmhnant so a bhi eatorra cuideachadh mor le socrachadh chùisean anns a chearna sin. Ceilidh nan Gaidheal an Glasacho. CHOINNICH an comunn so air oidhche Di-sathairne, an t-8mh latha dhe ’n mhios, an Talla na h-Aithne. Bha àireamh mhòr a làthair de fhir agus de mhnathan-uaisle. Bha ’n ceannsuidhe, Mr. D. Mac Neacail, anns a’ chathair. B’e òraidiche na h-oidhche Mr. Ailein Domhnullach Mac Gilb, air a’ chuspair, “Dìleab nan Lochlunnach do Albainn.” Ann an òraid a bha anabarrach taitneach ann an briathran agus ann an Gàilig neo-mhearachdach, thug Mr. Mac Gilb cunntas chinnteach air tighinn nan Lochlunnach, agus an cleachdaidhean. Cha b’e mhàin firinnean tioram eachdraidh a chuir an t-òraidiche comasach, ionnsaichte so fa chomhair a’ chomuinn, ach mar an ceudna mòran sheann fhacail àbhachdach a thug fiamh a’ ghàire gu gnùis gach duine, agus a chum mar an ceudna aire an luchd-éisdeachd gun sgìtheachadh air a’ chuspair. B’e an dìleab a dh’ fhàg na Lochlunnaich aig Albainn, mòran de ainmean àitean, an dòigh air togail bhàtaichean, agus gach ainm ceangailte ri bàtaichean agus iasgach, ni anns nach robh na Gàidheil aig an àm a’ cur ach beagan ùidh. B’e ’n t-seilg anns an robh iad a’ gabhail tlachd. Theagaisg na Lochlunnaich mar an ceudna d’ ar n-aithrichean an dòigh air buain mòine, agus ainm gach inneal a bhuineas do ’n obair fheumach sin. Ach dh’ fhàg iad mar an ceudna mòran de dhroch fhacail nach robh ri ’m faotainn gus a so am measg nan Gàidheal. Dh’ fhàg iad dìleab shuarach eile ann an aoradh nan diathan-bréige aca fhéin, ni a lean na Gàidheil fad ùine fhada, mar a nochd an t-òraidiche gu cothromach. Chòrd an òraid gu ro-mhaith ris gach neach a chual’ i, agus cha d’ fhuaradh beum dhi le aon de na sgrùdairean. Thugadh taing a’ chomuinn gu togarrach do ’n òraidiche, ni a’s maith a choisinn e. Fhuaradh beagan òrain bhlasda ann an Gàilig air an seinn gu ciatach. Dhùnadh a’ choinneamh anns an dòigh ghnàthaichte. Caoimhneas Bhreatuinn. NACH caoimhneil an sinachdachadh a ni Breatunn air a naimhdean! Cha ’n eil na Boerich uile fo chìs dhi fhathast. Tha àireamh mhor dhiubh a’ seasamh a mach na ’h-aghaidh, ’s a cur gach call agus cosguis is urrainn daibh oirre ged nach eil dòchas sam bith aca gu faigh iad buaidh. Tha àireamh mhor mhìltean dhiubh aig Breatunn mar phriosanaich. Nam measg sia tha àireamh nach beag de mhnathan ’s de chloinn nam fear a tha fhathast a’ cogadh. Ach am bheil Breatunn a’ deanamh dioghaltas orra, no a toirt ana-ceartas dhaibh air dòigh sam bith? Cha ’n eil idir. ’S ann a tha e ri chreidsinn gu bheil ceartas is cothrom na ’s fhearr aig na priosanaich Bhoerach na tha air a thoirt do na saighdearan Breatunnach. Agus a nise ’s ann a thatar a’ faotainn mhaighstirean-sgoile air son fòghlum a thoirt do ’n chloinn sin fhad ’s a bhios athraichean is bràithrean cuid diubh a’ cumail bratach Bhreatuinn o bhi snàmh gu sìtheil far ’m bu chòir dhi bhith. Claon a’ Gheamhraidh. “THA an geamhradh so fuar agus stoirmeil, ach tha dùil a nis gu ’m bi a’ ghrian ghlòrmhor air a faicinn na ’s trice a’ boillsgeadh air beinn is baile. Cha ’n ’eil an t-Earrach fad as ged tha aghaidh nàdair fhathast fo smachd an fhuachd. Chuala sinn uile an gnàth-fhacal ud “Là fhéill-brìghde thig an fhìdeag as an toll.” B’ àbhaist dhuinn a bhi tuigsinn leis a so gu ’m biodh na nathraichean is cnuimhean do iomadh seòrsa a’ tighinn a mach air a’ mhios so as na tuill anns an do chaidil iad ré a’ gheamhraidh. Ann an cuid do chearnan tha iad cheana ’gan cur féin an òrdugh air son obair an earraich. Cumaidh briathran ealanta nam bard ’nar cuimhne mu na seana chleachdaidhean a bh’ aig ar n-athraichean. Tha cuid do nithean ann nach ’eil ag atharrachadh ach glé bheag. Feumaidh an obair so a bhi ann an diugh mar a b’ abhaist:— ‘Sgoiltear am buntàta cnuachdach Na sgràilleagaibh cluasach, bachlach; Theid an inneir phronn ’na lòdaibh Socach, trom, air chòmhnard achaidh.’ Cha robh mòran gràidh aig na bàird do mhios a’ Mhàirt a tha sinn a’ faicinn am fagus:— ’Nuair spùtas gaoth lom a’ Mhàirt oirnn, Ni ’n t-sìd sud an t-àl a chrannadh, Mìos cabhagach, oibreach, saoithreach, Nam feasgar slaod-chianail reangach.’ ’S e so an ‘ràidhe anns an tig tùs annlainn, liteach, càbhrach, ’s thigeadh dhuinn a bhi taingeil.” Tha na briathran so air an toirt á aon de phaipearan-naigheachd na Gàidhealtachd. Bha uair dh’ an robh ’n saoghal a chluinnte daoine ’gearan air geamhradh na dùthcha so agus a’ toirt droch cliù air, an àm a bhi g’a choimeas ri geamhradh blàth, sìtheil na seann dùthcha. Ach tha an uair sin air triall. Anns na bliadhnaichean so tha geamhradh Chanada, mar nach b’ àbhaist, briagha, blàth agus geamhradh na Gàidhealtachd, mar nach b’ àbhaist dha fhein a bhith, fuar, stoirmeil. Ciod is aobhar dha so cha ’n fhios duinn, mur e gu bheil na Gàidheil air am meas toillteanach air deagh shìde, agus o’n thainig a’ mhor chuid diubh air imrich do Chanada gu bheil geamhradh an dùthcha fein a’ tigh’nn air imrich ’nan déigh! “Parsadh” Gailig. THA an sampull a leanas de pharsadh Gàilig air a thoirt seachad ann an Gràmar Gàilig an Rothaich, a bha air a chur a mach ’sa bhliadhna 1843. 1 2 3 4 5 “Tha biodag air Mac Thómais, 6 7 8 9 10 11 12 ’S gur math gu’m fóghnadh sgian da.” Tha, an 3s. neach aonarra de ’n ghnìomhan Bi—am Modh Dearcnach, an Seòl Aidmheach,—an Tra thà.—(2.) Biodag, Ainm aonarra, boireanta, de’n cheud Charachadh, ’s a’ Char Ainmeach.—(3.) Air, Roilide.—(4.) Mac, Ainm aonar, fearanta; anns a’ char Lideach; fo cheannas air.—(5.) Thomais, Ainm aonar, fearanta, ’s a’ char Bhuinteach Chaigneach, a’ nochdadh gu ’m buin “mac” do Thómas.—(6.) ’S, gearradh air son agus.—(7.) Gur, Roilide gnìomhain.—(8.) Math, Feairt iar a cleachdadh mar fhòir gnìomhain.—(9.) Gu, Roilide gnìomhain; ’m litir bhìnneanta a’s gnàth a chur air thoiseach air b. f. m. p.—(10.) Foghnadh, an 3s. neach aonarra de ’n ghniomhan foghain,—am Modh Murrach,—an Seòl Aidmheach,—an Tra bhà.—(11.) Sgian, Ainm boireanta, ’s a’ char Ainmeach aonarra.—(12.) Da, Gearradh air son do e. Imrich nam Boerach. THA sgeul air tighinn gu bheil càirdean nam Boerach a’ dol a thoirt oidhirp air a chuid sin dhiubh a tha gu ruige so a’ seasamh a mach an aghaidh Bhreatuinn a thoirt air imrich do na Staidean. B’ i ’n dòigh air an gabhadh sia deanamh an toirt nan grunnan beaga troimh dhùthaich eile gu muir, far am biodh longan g’ am feitheamh gus an aiseag thar a’ chuain. Cha ’n eagal gu ’n cuireadh Breatunn dragh sam bith orra aon uair ’s gu ’m fàgadh iad a criochan féin. ’S ann a bhiodh i taingeil faighinn cuidhteas iad, agus ghuidheadh i soirbheachadh leotha. Rachadh an suidheachadh, a reir sgeòil, ann an Texas, far am bheil am fearann ’s an t-sìde gle choltach ri fearann is sìde an dùthcha féin. Ach bhiodh aon ni an sin nach còrdadh riutha: dh’ fheumadh iad obair a dheanamh. Ann an Africa bhiodh na daoine dubha ’deanamh na h-obrach gu h-iomlan, ’s cha robh annta-san ach luchd-seilg agus luchd amharc thairis. Ach ma tha daoine dubha ann an Texas, cha bhi iad ’nan tràillean do na Boerich, agus cha ’n oibrich iad gun tuarasdal. Bhiodh sin gle chruaidh leis na Boerich, ’s a cheud dol a mach, ach cha ’n eil teagamh nach fàsadh iad cleachdte ris ri ùine. Bha an sinnsirean anns an Olaint ’nan sluagh cho dìchiollach ’s cho math air obair ’sa bha ’s an Roinn-Eòrpa. ’S ann an deigh dhaibh a dhol do Africa mu dheas ’s a fhuair iad na daoine dubha fo cheannsal ’s a chur a dh’ obair a thug iad fa-near gu ’m b’ fhearr an t socair. “Sgithich mi ri gniomh ged nach d’ rinn mi earras, Thug mi bòid nach b’fhiach leam bhi ann am sgalaig, Sguiridh mi g’ am phianadh o’n thug mi ’n aire Gur e ’n duine diomhain is faide mhaireas.” Ghabh na Dùitsich ris an teagasg sin gu math ’s gu ro-mhath ann an Africa mu dheas. Ach co dhiubh dh’ fhanas iad anns an dùthaich sin no dh’ fhalbhas iad aisde, feumaidh iad cùl a chur ri bhi diomhain; oir cha bhi e air a cheadachadh dhaibh tràillean a chumail aon chuid air fearann Bhreatuinn no nan Staidean, ’s feumaidh iad an aran làitheil a chosnadh, mar dhaoine eile, le falus an gnùise féin. [TD 189] [Vol. 10. No. 25. p. 5] Naigheachdan. AN T-IASGACH—Air a bhliadhna ’n uiridh bha mu cheithir fichead mile duine ris an iasgach ann an Canada, agus bha fiach $21,557,639 de gach seòrs,’ éisg air a ghlacadh. Bha sin còrr us tri millein dolair na bu lugha na iasgach na bhòn-uiridh. Air a bhliadhna sin bha $158, 802 de bhounty air a phàigheadh do iasgairean nan Roinnean Iochdrach. TEINE MOR AN NEW YORK—Bha teine mor ann an New York air an t-seachdain s’a chaidh a loisg fiach seachd ceud gu leth mile dolair. Thòisich e ann an tigh-arm, a bha air a losgadh gu h-iomlan, agus á sin rinn e greim air taigh-òsda de ’n do loisgeadh fiach ceud mile dolair. Chaidh coig duine deug a losgadh gu bàs, agus mu leth-cheud a leònadh. BOCHDAINN AN NEWFOUNDLAND—Tha aon de phaipearan St. John’s ag radh gu bheil bochdainn mhor anns a bhaile sin o’n thainig an geamhradh, gu bheil na ceudan an diugh an impis bàsachadh le acras, agus moran eile aig nach eil aon chuid biadh no teine na ’n dachaidhean. Tha moran na ’m measg so air nach robh dith no deireas riamh roimhe; cha leig an tàmailt leotha dhol a dh’ iarraidh cuideachaidh, agus tha iad mar sin ann an cunnart na’s motha na muinntir a bha air am meas am measg nam bochd roimhe. SGOIL DO’N CHLOINN BHOERACH—Tha an Riaghladh Breatunnach deònach sgoil a thoirt do chlann nam Boerach a tha air an cumail mar phriosanaich ’s na campaichean aca. Tha fios air tighinn do Ottawa o Ioseph Chamberlain ag iarraidh da fhichead maighstir-sgoile a theid do Africa mu Dheas a theagasg na cloinne sin. Tha iad ri bhi air am fasdadh air son bliadhna, gheibh iad mar thuarasdal ceud punnd Sasunnach (mu $487.00) agus faradh saor a’ falbh ’sa tighinn, a bharrachd air taigh us biadh saor fad na bliadhna. Tha fichead as an àireamh ri bhi air an toirt á Ontario agus fichead as na Roinnean eile. AIREAMH MHOR EACH—O’n thoisich cogadh nam Boerach an October 1899, cheannaich an Riaghladh Breatunnach dlùth air da cheud is fichead mile each. Cheannaicheadh a mhor chuid de’n àireamh sin anns na colonies an dùthchannan cein—77,101 anns na Staidean, 25,872 an ceann a deas America, 23,936 ann a’ Hungary, 20,015 an Australia, 11,304 an Canada, agus an còrr ann am Breatunn. Thatar a’ meas nach robh cogadh riamh ann a bha na bu sgriosaile air eich na an cogadh so. Tha an dùthaich cho garbh ’s an t-sìde cho doirbh an Africa mu Dheas ’s nach eil iad a’ seasamh ùine mhor sam bith innte. A’ CALL AIR NA TEINNTEAN—Air a bhliadhna ’n uiridh cha do shoirbhich ro mhath leis na cuideachdan Breatunnach a tha ’g urrasachadh an aghaidh teine ann an Canada. Phàigh iad air son theintean barrachd airgeid sa thainig a stigh dhaibh fad na bliadhna. Chuidich teine mor Shidni le sin, agus cha’n ioghnadh ged a bhiodh pris an urrasachaidh a dol an àirdead. Tha i ’n diugh ann an Sidni dlùth air a bhi dha uiread sa bha i beagan bhliadhnaichean roimhe so, ach cha ’n eil ann a bhi gearan ’sa cur an aghaidh sin ach a’ breabadh an aghaidh nan dealg. Cha ’n urrainn do chuideachd, na ’s mò na’s urrainn do aon duine, leantuinn air deanamh gnothuich mur bi barrachd a’ tighinn a stigh ’sa bhios r’a chur a mach. PRIONNS’ EANRUIC ’S NA STAIDEAN—Tha Prionns’ Eanruic, bràthair Impire na Gearmailt, aig an àm so anns na Staidean. Tha an Riaghlair agus muinntir a dhùthcha a’ cur gach urram a tha dligheach air an aoidh rioghail, agus a reir gach coltais cha bhi aithreachas air air son a chuairt do’n t-saoghal ùr. Thatar ag aithris iomadh sgeul agus barail mu aobhar a thuruis. Cuid ag radh gur ann air son càirdean a dhèanamh de na Staidean ’s de ’n Ghearmailt a thàinig e, agus cuid ag radh nach ann. Tha aon ni cinnteach, agus ’se sin, nach dùisg a thurus naimhdeas sam bith eadar an da dhùthaich, agus ma chuidicheas e le bhi daighneachadh na sithe eatorra, is mor am feum e. Cha’n eil Prionns’ Eanruic a’ dol a dheanamh de thaghal ann an Canada ach gu’n tig e thar na h-aibhne do Ontario a dh’ fhaotainn seallaidh air Eas mor Niagara. FEAR PARLAMAID AOSDA—Tha an Seanar Wark, ann an Fredericton, N. B., ceithir fichead is ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Tha e ann an deagh shlàinte, agus tha roimhe bhi ’n ùine ghoirid na àite suidhe àbhaisteach san t-seanadh an Ottawa. Thatar ag radh nach eil duine cho sean ris ri fhaotainn ann am Pàrlamaid sam bith eile air an t saoghal. AN RATHAD IARUINN UR—Tha mu dha mhile duine ag obair air an rathad-iaruinn ùr eadar Port Hawkesbury is Louisburg, agus thatar a’ cur ri ’n àireamh gach seachdain. Tha na rails air an leagail air mu ochd mile dhe’n astar, agus thatar an dùil gu’m bi e air a chriochnachadh gu ruige St. Peter’s mu mheadhon an t-samhraidh. Bidh an rathad gu h-iomlan air a chriochnachadh cho luath ’sa ghabhas deanamh. AIR SON MEAIRLE—Chaidh Caitriona agus Mairi Nic Cormaic, màthair is nighean, a ghlacadh ann an Sidni air an t-seachdain s’a chaidh air son a bhi ’goid litrichean á bocsa ann air oifis a phosta. Bha àireamh litrichean air an ionndrain, chaidh amharus a leagail orra-san, agus an ceann latha no dha rugadh orra anns a’ ghniomh. Bidh aca ri seasamh aig cùirt mhor an t-samhraidh air son so, agus air son chiontan eile dhe’n t-seòrsa cheudna thatar a cur os an leth. Buinidh iad do Halifacs, agus cha ’n eil ach beagan hmios o’n thainig iad a dh’ fhuireach do ’n bhaile. OBAIR IARUINN UR—Tha an obair-iaruinn ris an robh dùil aig Sidni Tuath, a reir gach coltais, ri bhi air a suidheachadh aig a’ Mheinn a Tuath. Thairg muinntir Shidni Tuath na shaoil iad a bha ceart de chuideachadh a dheanamh leis an obair-iaruinn. Cha robh a’ chuideachd riaraichte leis an tairgse sin agus tha e ro-choltach a nise gu bheil iad air làrach a thaghadh aig a’ mhèinn. Cha ’n eil sin ach a dha no tri mhiltean a mach á Sidni Tuath, agus cha mhor nach bi e cho math do mhuinntir a’ bhaile sin ’s ged bhiodh an obair làmh riutha féin. CUIDEACHD AN IARUINN—Thachair ni mu chuideachd an iaruinn ris nach robh mor dhuil. Leig Mr. A. J. Moxham dheth an dreuchd a bh’ aige mar steòrnadair na cuideachd agus bha Mr. Daibhidh Baker air a chur ’na àite. Ged nach eil gnothuichean air an deanamh follaiseach, ’s i bharail chumanta tha measg dhaoine gu bheil na Canadaich a’ fás na’s treasa na na Geancaich anns a’ chuideachd, agus gur e sin is aobhar do’n atharrachadh so. Tha aig an àm so sith mhor eadar an da bhuidhinn cheudna ann an cuideachd a’ ghuail, agus tha daoine ’m beachd gu faigh na Canadaich an lamh an uachdar an ùine ghoirid, mur eil iad air sin fhaotainn cheana. MISS STONE MAR SGAOIL—An deigh bhi air a cumail mar phriosanach re choig miosan tha Miss Stone a nis air a leigeil mar sgaoil. B’ fheudar dlùth air ceud mile dolair a phàigheadh dhaibhsan a ghlac i ’sa bha ga ’cumail air son duaise. Chaidh an t airgead a chur cruinn le muinntir nan Stàidean, tir dùthchais Miss Stone, agus cha b’ iongantach ged a thigeadh orra an làmhan a chur na’m pòcannan gu math tric an deigh so air son tuilleadh dhe’n luchd-dùthcha a shaoradh. Tha na spùinneadairean gu math pailt anns an Tuirc ’s anns na dùthchannan beaga timchioll oirre, agus theid aca air deagh bheòlaint a dheanamh a’ glacadh chaileagan Geancach ’s g’ an creic air àrd-phrìsean ri muinntir an dùthcha, aig am bheil airgead gu leòr agus r’a sheachnadh. SEANAIREAN TUASAIDEACH—Bha sabaid ann an Seanadh nan Staidean Di-sathairne s’a chaidh eadar dithis de sheanairean Charolina, Tillman agus McLaurin. Bha Tillman a’ fàgail air an fhear eile gun do chleachd e meadhonan mi-iomchuidh gus a thaghadh a dheanamh cinnteach. Fhreagair McLaurin gu robh e breugach, agus an sin thòisich an t-sabaid. Chaidh an toirt o cheile, agus b’ fheudar dhaibh mathanas iarraidh air an taigh. Bha Tillman roimhe sin air cuireadh fhaotainn dh’ ionnsuidh na dinneir a bha air a toirt do Phrionns’ Eanruic anns an Taigh Gheal, ach an deigh na sabaid chaidh an cuireadh a thoirt air ais leis an Riaghlair Roosevelt. Sgriobh Tillman litir a càineadh an Riaghlair gu ’chùl, ’sa bruidhinn mar nach biodh e-fhein air dol as an rathad idir. ’S fhada o’n chualas iomradh air “bathais gun nàire.” Litir a Ceap Nor. AN deigh an latha ’chur seachad air leith-chois aig a bheairt-thuairnearachd, cha mhi-chomhfhurtail suidhe sios a nise ’s an anmoch agus oidhirp a thoirt air aon litir eile ’chur gu MAC-TALLA. Is cinnteach mi gu bheil a leughadairean gu léir ag ionndrainn nach ’eil e ’tighinn a mach gach seachdain, mar a bha e roimh ’n teine sgriosail a chur a leithid a chall air. Ged tha sin fior, tha e ’na thoileachadh a bhi faicinn nach ’eil aon duine ’cur litir ghearanach d’a ionnsuidh, no a teannadh ri ’chàineadh ’s a bharail nach ’eil uair ’s a choig-là-deug dheth ’na dheadh fhiach dolair ann an ruith na bliadhna. Cha chuir aon Ghàidheal dìleas cùl ris air son an aobhair sin, ach seasaidh iad e gu duineil, agus ni iad dìchioll air a bhi ’cur àireamh nan gabhaltaichean an lionmhorachd anns gach àite. Nan deanadh an luchd-gabhail gu léir an dìchioll air a bhi ag aomadh muinntir eile gu cur ’ga iarraidh, cha rachadh moran ùine seachad gus am faodadh gach aon diubh a bhi ’ga fhàilteachadh gach seachdain, mar tha mòran againn air a bhi ’deanamh o làithean òige. Aidichidh gach aon aig am bheil fios cinnteach mu ’n chùis gur mor an còmhnadh a tha MAC-TALLA ’deanamh ann a bhi gleidheadh na Gàilig o dhol bàs. Ged bha daoine anns an t-saoghal o chionn bheagan linntean air ais a bha ag ràdh gu ’n rachadh i bàs eadhon roimh ’n àm so fhéin, tha ùine air a dhearbhadh gu ’m b’ fhàidhean bréige iad gu léir; agus ged tha iad ann ’n ar latha ne a their nach mair i beò ach ùine ghearr, ’s e ar dòchas-ne gu ’m bi i araon air a labhairt agus a’ cliù air a sheinn ré iomadh linn ri teachd. Bha sgriobhaiche gasda ag innseadh dhuinn o chionn ghoirid nach faigh a’ Ghàilig bàs cho fad ’s is beò am bàrd dìleas agus fìor charaide ar cànain Niall Mac Leòid. Tha ’m bàrd féin ag ràdh an deireadh an òrain “Am faigh a Ghàilig bás?” nach fhaigh i bàs gu bràth. Gheibhear an t-òran so, maille ri moran òrain bhlasda, bhinn eile leis a’ bhàrd cheudna, ann an “Clarsach an Doire,” leabhar a bu chòir a bhi an seilbh gach aon aig am bheil suim dhe ’n Ghàilig agus do dhùthaich nan laoch o’n d’ thàinig sinn. Ma tha cuid am measg do leughadairean aig nach ’eil fios co e am bàrd no ciod i an dùthaich d’ am buin e, cha ’n ’eil e neo iomchuidh innseadh dhaibh gu ’n deachaidh a bhreith agus àrach anns an Eilean Sgiathanach, ach mar dh’ éirich do dh’ iomadh gaisgeach eile, thàinig air “an gleann ’s an robh e òg” fhàgail, agus ged tha a chòmhnuidh am baile mòr Dhunéidionn, tha a’ bhàrdachd a nochdadh gu soilleir gur tric inntinn air ais an Eilein gorm a’ Cheò. Ma tha toil aig neach sam bith ’s an dùthaich so cur a dh’ iarraidh “Clàrsach an Doire,” cuiridh MAC TALLA comain orra le innse dhuinn am bheil e fhathast ’ga reic, agus ciod i prìs an leabhair. M. D. Ceap Nòr, Feb. 28, 1902. [Tha “Clarsach an Doire” o chionn dlùth air da bhliadhna “á clò” se sin, tha na leabhraichean nil’ air an creic, agus cha ’n fhaighear ri ’n ceannach tuilleadh iad gus an tig clòthadh ùr a mach. Tha sinn an dòchas nach bi fada gus an tachair sin.] OBAIR DA LATHA—Ann ann da latha air an t-seachdain so, bha sia ceud de na Boerich air am marbhadh no air an glacadh leis an ann Bhreatunnach. Anns an ùine cheudna chaidh da mhil’ each agus ochd mile fichead ceann cruidh a glacadh. Am measg nam priosanach Boerach tha mac do ’n t-seanalair DeWett. Na’n deanadh na Breatunnaich cho math so na h-uile seachdain, cha b’fhada bhiodhte toirt a’ chogaidh gu crich. [TD 190] [Vol. 10. No. 25. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 187). uair a rinn iad a leithid a dh’ ana-caitheamh air am maoin ’s an am a dh’ fhalbh; ach cha deanadh a bhith ’smaointean air an goraiche ’s an am a dh’fhalbh na fiachan a phaigheadh. Shuidhich iad mu dheireadh gu ’m paigheadh iad na fiachan gu leir, ged a bha fhios aca gu ’m fagadh iad iad fhein lom, falamh. Ged a bha fear nam fiach gle thoilichte an uair a fhuair e suim cho mor, bha Abon Hasan agus a bhean fad’ o bhith toilichte an uair a rainig iad grunnd an sporrain. Bha iad uine mhath ’nan tosd, agus fo dhragh mor a chionn gu ’n do riuth iad am mach as an cuid mu ’n robh iad ach gann bliadhna posda. Chuimhnich Abon Hasan gu ’n do gheall an righ dha, an uair a thug e do ’n luchairt e, nach biodh eis sam bith air ri ’bheo; ach an uair a smaoinich e gu ’n d’ rinn e ana-caitheamh air a mhaoin ann an uine cho goirid, cha robh e toileach aon chuid a shuidheachadh a leigeadh ris do ’n righ, no tuilleadh airgid iarraidh air. A bharrachd air a so, thug e dh’ a mhathair a h-uile dad a bhuineadh dha ris an t-saoghal an uair a thug an righ do ’n luchairt e, agus cha robh e toileach a dhol far an robh i a dh’ iarraidh cuideachaidh oirre, air eagal gu ’n saoileadh i gu ’n robh e air toiseachadh a rithist ris a’ ghoraiche a bha e ’leantuinn an deigh bas ’athar. Bha ’bhean, air an laimh eile a’ faicinn gu ’n do nochd a’ bhan-righ caoimhneas is fialachd gu leor dhi an am dhi posadh, agus bha i smaointean nach biodh e ceart dhi cuideachadh sam bith iarraidh oirre tuilleadh. Mu dheireadh labhair Abon Hasan, agus thuirt e; “Tha mi ’faicinn gu ’m bheil thusa fo dhragh-inntinn mar a tha mi-fhin, agus gu ’m bheil thu ’dol fo d’ smaointean feuch cia mar a gheibh sinn troimh ’n t-saoghal an uair a tha sinn a nis gun bhonn ’nar laimh. Cha ’n ’eil fhios agam ciod a tha ’nad bheachd-sa ’dheanamh, ach tha mise ’cur romham gu ’n lean sinn air ar beatha ’chaitheamh mar a’ b’ abhaist dhuinn, ciod sam bith cia mar a thachras dhuinn; agus tha mi ’creidsinn gu ’n tig thusa gu bhith dhe ’n aon bheachd rium fhin. Ach is e ’chuis, cia mar a theid againn air sinn-fhin a chumail suas gun a dhol a dh’ iarraidh cuideachaidh air an righ, no air Sobaide. Agus tha mi ’smaointean gu ’n d’ fhuair mi ’mach doigh air an teid an gnothach leinn; ach feumaidh sinn cuideachadh a thoirt dh’ a cheile.” Chord na briathran so a labhair Abon Hasan gle mhath rithe, agus ghabh i misneach. Thuirt i ris: “Bha mise ’smaointean air a’ sin cho math riut fhein; ach cha bu toigh leam mo smaointeanan a leigeadh ris dhut, o nach robh fhios agam ciod an doigh air an rachadh againn air sinn-fhin a chumail suas; agus feumaidh mi aideachadh gu ’m bheil na tha thu ’g innseadh dhomh a’ toirt toileachaidh gle mhor dhomh. Agus o ’n a tha thu ’g radh gu ’n d’ fhuair thu ’mach doigh leis am faigh sinn troimh ’n t-saoghal, agus gu ’m bheil feum agad air mo chuideachadh-sa, cha ’n ’eil agad ach innseadh dhomh, agus bheir mi dhut a h-uile cuideachadh is urrainn domh.” “Bha fhios agam na threigeadh tu mi anns a’ chuis so,” ars’ Abon Hasan, “o ’n thig e ’chum math dhuinn le cheile; agus, air an aobhar sin, feumaidh mi innseadh dhut, gu ’n d’ thug an eis anns am bheil sinn orm doigh fheuchainn leis an teid againn air sinn-fhin a chumail suas, car uine co dhiubh. Tha ’nam bheachd an car a thoirt as an righ, agus bheir thusa an car as a’ bhan-righ, agus tha mi cinnteach gu’n toir e ceol-spors gu leor dhaibh, agus ni e feum dhuinn fhin. Gheibh mi-fhin ’s tu-fhein bas.” “Cha ’n fhaigh gu dearbh,” arsa Noushatal; “faodaidh tusa bas fhaotainn, ma thogras tu fhein; ach air mo shon-sa dheth, cha ’n ’eil mi sgith dhe ’n bheatha so fhathast, agus bi thusa toilichte no na bitheadh, cha ’n fhaigh mise bas cho luath sin idir. Mur ’eil doigh sam bith eile agad ach sin, feuch fhein ris; oir tha mise ’g innseadh dhut le firinn nach gabh mi cuid no gnothach ris an doigh sin.” (Ri leantuinn.) Litir as an Abhuinn Mheadhonaich. NACH mithich dhomhsa teannadh ri sgrìoban a chur ri chéile? ’S fhada bho ’n bha dùil agam sin a dheanamh, ach bho ’n bha sgriobhaichean na b’ fhearr na mise cur litrichean gu MAC-TALLA bha mi cur dàil ann. Nuair a sgriobh mi mu dheireadh bha fear no dithis a gabhail ris gu ’n d’ fhuair iad putadh bho Mhìcheal. Tha mi nise ’faicinn gu ’m biodh e feumail putadh eile ’thoirt dhaibh. Bha mise ’n dùil nuair thug mi iomradh air ’n t-sùil aig Murchadh Cam gur ann a bheireadh e buille bàis dhomh. Ach, an dùine còir, ’s ann a fhuair mi mo bheannachadh bhuaithe.—Chunnaic sinn litir bho Sheumas a’ Chiùil, agus thug e iomradh air Mìcheal cuideachd. Cha robh e duilich fhaicinn le do litir ghasda gu robh ceòl math annad. Cha chreid mi nan robh mi comhladh riut agus pige ruadh Dhomhuill nan stòp againn làn de mhac na braiche, nach “togamaid fonn air hùgan fhathast.” Chunnaic sinn litir bho chionn ghoirid bho Anna B. Nic Leoid, a cur airgiod ugad air son do phaipear, agus cha ’n e sin a mhàin, ach tri dolair eile air son gabhaltaichean ùra. ’S ann innte tha smior a Ghaidheil! agus i ’g ràdh nach do chaill i ’Ghàilig idir, ged tha i ann am Boston. Chunnaic sinn caileagan òga ’bhiodh bliadhna no dhà ann am Boston, nuair thigeadh iad dhachaidh cha bhiodh guth aca ach Beurla. Nan labhradh duine guth Gàilig riutha, dh’ fhalbhadh iad agus car nam beul, mar nach cluinneadh iad guth dhi riamh. Bidh sinn an dòchas nuair a phòsas Anna gur e Gàidheal a dhlùth ’s a dh’ uachdar a bhios ann, agus saoghal fada, sona dhaibh. Tha sinn a tuigsinn gu bheil cuid a gearain air cho beag ’s a tha ’m paipear Gàilig air son dolair, agus paipearan mora eile g’ am faotainn air son na dearbh phrìs. Ann an aon dòigh tha sin ceart. Tha mise faotainn tri paipearan eile na h-uile seachdain, agus a faicinn moran eile de phaipearan. Nuair bhios mi ullamh an leughadh, chumadh aon duilleag na ’s fhiach thoirt asda. Bidh moran grodalaich bhreugach de pholitics anns a chuid mhor dhiubh—sanas air son cungaidhean leigheis—sanais dhe gach seorsa air son airgiod fhaotainn. ’S ann le leithid sin de stuth tha na paipearan mora air an lionadh, agus bhiodh e cheart cho math iad a bhi bàn ’sa bhi leughadh an t-seorsa stuth sin. Cha ’n ann mar sin a tha ’m paipear Gàilig idir. Cha bhi guth ann ach fìrinn, agus is fhiach na h-uile guth bhios ann a leughadh. Bidh mi feuchainn ri cuid fhaighinn air son MAC-TALLA ’ghabhail, agus their iad rium gu bheil e ro bheag air son na prìs; ach ’s e tha beag an cridheachan. Gabhaidh iad uamsa glé thoilichte leughadh dhe ’n phaipear, agus cha bhi coir’ air, ach bi thusa g’a phàigheadh! Tha greis bho nach cuala sinn guth bho Bhodachan a’ Ghàraidh. Thug e ruith air na h-uile gille, nighean is bean, agus tha sinn a’ feitheamh feuch gu dé ’n salamander tha e dol a thuirt air na daoine pòsda. Tha sinn duilich nach ’eil MAC-TALLA tighinn cho tric ’sa b’ abhaist dha. Ach their sinn mar bha Donnachadh Bàn ’g ràdh ann an Oran na Seilge— “Bi’ sinn beo an dochas ro mhath Gu ’m bi ’chuis ni ’s fhearr an ath la’; Gu ’m bi gaoth a’s grian ‘Mhic-Talla’ Mar is math ‘leis an luchd-leughaidh.’” Bha mi ’bruidhinn ri dithis ghillean òga bho chionn ghoirid air son MAC-TALLA ’ghabhail. Tha fear dhiubh, Coinneach Mac Rath, an deigh muileann math sàbhaidh a chur suas, agus ni e feum dha fhéin agus dha ’n dùthaich mu ’n cuairt air. Tha Ruairidh Mac Rath, nàbuidh faisg air, agus e ’na thuathanach math. Dh’ fhaodadh iad le chéile am paipear Gàilig a ghabhail. Agus tha iad a cheart cho feumach air pòsadh ’sa tha iad air paipear. Bidh sinn an dòchas gu ’n dean iad an da chuid. Nuair a leughas mise am paipear cuiridh mi uca e, agus nuair chi iad so cha chreid mi nach gabh iad MAC-TALLA. Gu dearbhadh a thoirt air gu ’n robh geamhradh blàth againn an taobh so, tha fear Alasdair òg Mac Rath aig an robh tri bliadhnaich cruidh air chall toiseach a gheamhraidh, agus bha e ’n dùil gu ’n do chaill e gu buileach iad. Thainig iad am mach far a bheil iad ag obair air òr ann an Gold Brook, dà mhile ’mach anns a choille, air an 26mh latha de Ianuaraidh. Bha iad anns a choille mhoir fad a gheamhraidh, agus nuair a thugadh dhachaidh iad bha iad a cheart cho briagha ris a chrodh a bh’ anns a bhà-thigh. Bha mi air thurus anns an Iar-thuath nuair bha na buanaichean ann ag obair, agus nan robh mi na ’m sgriobhaiche math Gàilig bheirinn cunntas air an dùthaich sin. Tha moran bàrr ’ga thogail ann, agus tha talamh math ann air son gràn sam bith a chuireas iad ann. Tha e freagarrach gu leòr do dhaoine òg a dhol am mach ann air cheann an fhortain, ach daoine thainig gu seann lathaichean, aig am bheil fearann math, tigh math, agus sabhal math, deanadh iad feum math dhiubh, oir cha ’n ’eil mi creidsinn gu ’m biodh iad idir toilichte ann. Cha ’n ’eil sinne ’tuigsinn no ’creidsinn cho math ’s a tha ’n dùthaich anns a bheil sinn. Bha iomadh ni ri fhaicinn anns na paipearan naigheachd nuair bha na buanaichean am muigh nach robh idir ceart, ach leigidh mi leis a sin aig an àm so. Slàn leat, MICHEAL. An Sluagh ’s a’ Pharlamaid. Co-dhiù a tha a’ Phàrlamaid math no dona tha i mar a rinneadh i leis an t-sluagh iad féin. Thagh iadsan na fir a tha ’gan riochdachadh ’s a’ Phàrlamaid, agus mur ’eil na laghan air am frithealadh gu ceart agus laghan ùr air an toirt a mach a réir feuman an t-sluaigh tha a’ choire aig dorus an luchd-taghaidh. Bidh deanadas is gluasaid na Pàrlamaid a réir an smachd a chleachdas an sluagh féin air an fheadhainn a chuir iad a steach a dheanamh agus a fhrithealadh nan lagh an. Tuigidh an duine glic leth-fhacal; agus a thaobh nan cùisean air am bheil sinn a’ dèanamh iomra thigeadh do dhaoine an sùilean a bhi fosgailte, agus cuideachd an guth aig àm taghaidh a thoirt dhoibhsan a tha dìleas d’ an tagraidhean. Fhuair an sluagh cothrom mor air an rùintean féin a ghiùlan a mach nuair a thugadh dhaibh guth ann an taghadh luchd-pàrlamaid. An d’ rinn iad am feum a dh’ fheudadh iad dheth so? Tha so cinnteach: dh’ fheudadh iad deanamh na b’ fheàrr. Tha cumhachd na Pàrlamaid an làmhan an t-sluaigh; ach c’ àite am bheil na fleasgaich dhuineil dhìleas a sheasas a suas gu dàna air taobh còir is ceartais? Cha ’n ’eil iad ro lìonmhor, ged tha beòl mhòran làn do fhèin ghloir ás eugmhais gnìomh. Nì a’ Phàrlamaid gach ni a dh’ iarrar fo smachd guth an t-sluaigh. [TD 191] [Vol. 10. No. 25. p. 7] Iadsan a Phaigh. Alasdair Mac Gille-ghlais, Coldstream, Ont. Niall Domhnullach, Duntroon, Ont. Iain Mac Artair, Lobo, Ont. Padruig Crabhart, Oldfield, Ont. Barbara C. Leitch, Lafontaine, Ont. Iain Mac Thearlaich, Ottawa, Ont. E. N. Domhnullach, Reedsville, Que. Iain H. Mac Leoid, Springhill, Que. D. Domhnullach, Montreal, Que. Iain Mac Carmaic, Earlswood, N. W. T. Domhnull Dùghlach, Verna, N. W. T. Niall Domhnullach, Dauphin, Man. Calum Mac Amhlaidh, Anaheim, Cala. Iain D. Mac Gilleain, Avalon, Cala. Dr. Uisdean Mac Neill, Chicago, Ills. Domhull Domhnullach, Thomastown, Conn A. I. Domhnullach, Weymouth, Mass. Mairi Nic Ascuill, Boston, Mass. Am Breitheamh Calum B. Mac Neacail, Council Grove, Kansas. Ailean Mac Gilleain, Ashfield, C. B. D. H. Mac Cuithein, Whitney Pier. D. A. Gillios, S. W. Margaree. Iain L. Mac Gilleain, Woodbine. Niall Moireasdan, Caledonia Mines. N. D. Mac-a-Phi, Mabou Coal Mines. G. D. Mac Eachainn, Narrows Mhora. Calum Siosal, Brook Village. An Siorram Buchanan, Sidni. Domhnull Mac Pharlain, Cox Heath. Alasdair S. Mac Leoid, Framboise. Domhnull I. Domhnullach, Loch Ghabarus Gilleasbuig Mac Fhearghais, M. B. Road. Domhnull O’Handley, Bridgeport. Alasdair Mac Amhlaidh, Milton. D. C. Domhnullach, Birch Grove. An t-Urr. N. Mac Mhuirich, Trout River. An t-Each Odhar. ’S e mo laochan an t-each odhar ’Thainig a Glaschu fodham; ’S e nach gabhadh cuir air theadhair Air Acha-nan-gamhna. ’S e mo laochan an t-each-iarainn, Leis an d’ thàinig mi do Ghrianaig; ’S ’n uair a thairngeadh iad an t-srian ’S e fiadh nach rachadh teann air. ’S e mo laochan, &c. Sud an t-each aig bheil an sgriob, Cha toir e mionaid ri mile; Theid e air leth-dusan sinteag Seachad sios air Renfrew! ’N uair a dh’ fhalbh e ’n sin ’n a throtan, A’ cheart cho luath ri mail coach, Gu ’n do chrom mi sios fo ’n drochaid Mu ’n sgrogadh e ’n ceann diom. Righ! gur mise ghabh an t-eagal, Cha mhor nach deachaidh mi ’m bhreislich; ’N uair a thoisich e ri breabail, Gu ’n do theich na beanntan. ’N uair a chaidh e stigh do ’n tunnel, ’S a sheall mi mach air an uinneig, Shaoil mi nach faicinn leus tuille, ’S gu ’m bu duine dall mi! Righ! gur mise ghabh an t-ioghnadh, ’N uair a ghabh e an t-sùrdag Mach troimh phairceanan tuirneip, Troimh chùirn agus deanntaig. Chaidh mi suas gu fear an fhearainn, Feuch am faighinn e r’a cheannach; ’S chuirinn dhachaidh e gu Sellar ’Tharraing feamainn gheamhraidh. Chuirinn e dh’ ionnsaidh a’ Mhàidseir, A tharraing nan giomach an t-Sàilein; B’ fhearr e na ’n t-each ruadh aig Da’idh, No ’n làir bhàn aig Sandy. Ach na ’m faighinn-sa chur dhachaidh Comhl’ ri pony Acha-rainich, Bhiodh Dughal mac Iain ’Ic-Lachainn ’Cumail ceart na h-engine. ’S na ’m faighinns’ air an rail e, H-uile car gu Rugh’-na-h-àirde, Ghabhainn troimh mhonaidhean Fhearnaig, ’S thearnainn air Gleann-Sanda. Ach na ’m faiceadh cuid de dhaoine Direadh ri Bealach-gaoith e, ’S ann a thoisicheadh iad ri glaodhaich Gu ’m b’ e ’n saoghal thall e. Sud an t-each ’s a bheil an cruadal, ’S a fhuair an t-urram air luaithead, ’S e nach fheumadh dol a bhualadh Sguab dha anns a’ gheamhradh. ’N uair a chriochnaich mi mo dhuanag, Chaidh a h-éisdeachd le duin’-uasal, ’S thuirt e rium na ’n rachainn suas Gu ’m faighinn cuach de bhranndaidh. Maili Chruinn Donn. LEIS A CHEISTEAR CHRUBACH. Fonn:—Carruig Fhearghuis. O’n thathaich mi ’n rathad, Gun tadhail mi ’m monadh ’S an tuiteadh an sneachda ’S a ghaillion gu trom; ’S an talamh neo-chaisrigt’ ’S ’n do chaill mi na casan Mun d’ rainig mi ’n caisteal ’N robh Maili chruinn, donn. ’N uair a ràinig mi ’n dorus Gun d’ fhàs mi cho toilicht’ ’S gun d’ rinn mi gach dosguinn A thogail gu fonn; Is thàmh mi ’san fhasdail, ’Bha ’n sail beinn an t-sneachda, Cho blàth ris a chladach Bha’m fasgath nan tonn. ’Fhir a shiubhleas an rathad A dh’ ionnsaidh na Dabhaich Uam imrich mo bheannachd Gu Maili chruinn, donn; ’Tha ’tuinneadh ’sa ghleannan, Aig alltan a cheannaich, ’S gur daoine gun tadhal Nach tathaich am fonn; I mar ionnas an tasgaidh, Gun chunnart, gun gheasan, Ach daonnan fior thaitneach Do ’n fhear ’rachadh ann. ’S ged bhidhinn-s’ am bharan Air dùthaich Chloinn-Eachainn Gum foghnadh mar mhairist’ Leam Maili chruinn, donn. Tha pearsa ro bhoidheach, ’S i tlachdmhor ’na comhdach, ’S tha taitneas ’na comhradh Mar smeoraich nan gleann; Gun d’ fhaoiltich mo chridhe ’Nuair ’rinn i rium bruidhinn; B’ e ’beatha dhomh ’rithist Gu tighinn a nall. Bha ’h aogasg gun smalan, Bha caoin air a rasgaibh, Bha gaol air a thasgaidh ’S a chridh’ bha ’na com; Gun d’ smaointich mi agam Nach rachainn am mearachd Ged theirinn gur piuthar I ’dh-Iain geal, donn. Na meoir sin a’s gile, ’Tha corr air a ghrinneas; Gur grinn ’ni iad fighe Is fuaigheil glan réidh. Gur cuimir, deas, direach A shiubhleas tu ’n ridhle ’Nuair dhuisgear gu cridheil Dhuit fiodhall nan teud; ’S tu ’cheumadh gu boidheach, ’S a thionndadh gu h-eolach, ’S a fhreagradh gu h-ordail Do cheolan nam meur. Tha ’n earbag ’s a mhonadh, ’S math tearmunn o’n ghaillion; ’S gur sealbhach do ’n fhear sin A ghlacas a ceum. O mheacain an t-suaircis, ’S o leasraidh na h-uaisle, B’ e t’ fhasan, ’s bu dual dhuit Bhi truacanta, coir. Gur furanach, pàirteach Am preas as an d’ fhàs thu, (Air a leantuinn air taobh 192.) ROYAL BANK OF CANADA CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Didomhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air each obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI., - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 192] [Vol. 10. No. 25. p. 8] Maili Chruinn, Donn. (Air a leantuinn o thaobh 191.) Mar rinneadh do chàradh O’n An ’s o’n t-Srath-mhor. Nam biodh sibh an làthair, ’S an staid mar a b’ àill leam, Cha reicinn ur càirdeas Air mnai na Roinn-Eorp’. Gu bheil mi ’a diugh sàbhailt’, O’n chunna mi Mairi; Gun d’ sheas i dhomh àite Na màthar nach beo. Chuir i fasgath mu ’n cuairt dhomh, Mar earradh math uachdair; Gun d’ bhuilich i uaisle Le suairceas glan beoil; Lamh shoilleir neo-spiocach, ’S an cridhe neo-chrionota, Aig nighinn Catriona, ’S mo bhriathar bu choir. Ged nach faca mi t’ athair Gun cual’ mi mo chleachdadh, ’S gur h-urrainn mi ’n aithris, Deagh fhasain an t-seoid. Bha e fial ris na maithibh, Ceann cliar agus ceathairn’; ’S bu dhiubhail mar thachair ’Luath’d ’s ’chaidh e fo ’n fhoid. Bhiodh ol agus solas, Bhiodh ceol agus orain, Bhiodh furan, bhiodh dochas Mu bhord an fhir fheil’; Bhiodh iasg as an fhairg’ ann, Bhiodh fiadh agus earb ann, Bhiodh coileach-dubh barragheal Ann ’mharbhadh an-geig; Bhiodh bradan an fhior-uisg’, Bhiodh taghadh gach sìthn’ ann; Bhiodh liath-chearcan-fraoich ann O’n fhrìth aige fhein. ’N àm tighinn gu ’bhaile, Gu thurlach gun ainnis, Bhiodh rùsgadh air ealain, Casg padhaidh is sgios. B’ iad sud na fir uasal, Gun chrìne, gun ghruaman; Cha ’n fhaigheadh càch buaidh orr’ An tuasaid no ’n streup; Iad gun àrdan gun uabhar, Neo-smachdail air ’n tuath ac’, Ach fearann fo ’n uachdar ’Fas ’suas anns gach ni. O’n dh’ imich na h-armuinn Chaidh ’n saoghal gu tàire, ’S bidh bron agus pàigheadh Ri chlàistinn ’nan deidh; ’S nam fanainn ri ’fhaicinn, Cho fad ri mo sheanair, Gum farr’deadh gach fear dhiom, Am faca mi ’n Fheinn. O’n a dh’ imich na h-armuinn,, ’S e ar cuid na tha ’làthair; Gu ma beannaicht’ an geard ’Th’ air an alach a th’ ann. Ceud soraidh, ceud fàilte, Ceud furan gu Mairi A dh’ fhag mi ’sa Mhaigh Ann am bràighe nan gleann. ’S i cuachag na coille, Na h-uaisle ’s an oilein, A dh’ fhag sinn gu loinneil An creagan nam beann. A gheala ghlan gun ainnis B’ e t’ ainm a bhi banail; ’S gun d’ dhearbh thu bhi duineil, ’S nior chluinneam-s’ do chall. Gun cluinneam do bhuinig, Ged nach faicinn thu tuilleadh, Ged nach iarrinn thu idir ’Dhol fad as an fhonn, Ann an aite na’s deiseil, Gun bhlàr, is gun chreagan; ’S ma gheibh m’ achanaich-s’ freagradh Cha ’n eagal duit bonn. Tha uaislean is treun-laoich, Tha truaghain is feumaich, ’Toirt tuaraisgeil gleusta Air t’ fheum anns gach ball. Tha gach tlachd ort ri innseadh, Lamh gheal a ni sgriobhadh; ’S gur tuigseach an ciall A chuir Dia ann ad cheann! Bidh mo dhàn agus m’ oran, Bidh m’ alla mar ’s eol dhomh, Gu brath fhad ’s is beo mi ’Toirt sgeoil ort a chaoidh. Na fhuair mi dhe t’ fhuran Cha ’n fhuaraich e tuilleadh; Ni smuaintinn mo chridhe Riut bruidhinn nach till. Cha ’n fheil siorrachd dha ’n deid mi, Ged a ruiginn Duneideann, Nach doir mi deagh sgeul ort Fhad ’s ’dh’ eisdear mo rainn; ’S bheir mi Charraig o Fhearghus Gu atharrachadh ainme, ’S luchd-ealaidh na h-Alba Ga seanachas ’s ga seinn. Ceud soraidh le m’ dhàn dhuit, Gach sonas ri d’ la dhuit; Gach tlach agus àilleachd Tha ’fas air a mhnaoi. Ceud beannachd le àgh dhuit, ’S gum faicinn-sa slàn thu, Ma tha idir an dàn dhomh ’Dhol gu brath gu Loch-braon. Ged nach sgalaiche baird mi, Cha ’n urrainn mi ’aicheadh, Ma thig iad na ’s dàine Nach pàigh iad ris daor. ’S i bean nan rosg trodhad, Gun ardan, gun othail, Tha ’tamh an Creag-odhar Nan gobhar’s nan craobh. Creag odhar nan caorach, Nam beann is nan aonach; Creag fhasgach ri gaoith thu, Creag laogh agus mheann. Creag chaoran, creag chnothan, Creag fhiarach is chreamhach, Creag eun le ’m bun chaithream Am barraibh nan crann. Gun cluinnteadh guth smeoraich An uinneig do sheomair, ’S a chubhag a comhradh Mar b’ eol d’ i ’na cainnt; ’S bidh ealaidh a mhonaidh Ri cluich ann san dorus, Mar onair do Mhaili Bean shona nan gleann. On nach urrainn mi sgriobhadh No litir a leughadh, ’M fear a dhealaich an de rium Aig càrn an fheidh dhuinn, A chuir a chuid ghillean ’S a ghearrainn gam shireadh Mun rachadh mo mhilleadh An curaisde puill, On nach urrainn mi ’mholadh An onair, mar choisinn, Mo bheannachd gum meal e, Gun euslaint’ a chaoidh.— Fhir a shiubhlas an rathad A dh-ionnsuidh na Dabhaich, Uam imrich mo bheannachd Gu Maili chruinn, duinn. SEAMRAG. Posaidhean. Ann an Sidni, air an 6mh latha de Februaraidh, leis an Urr. I. F. Forbeis, Iain R. Mac Leoid, Framboise, ri Mairi I. Nic-Ascuill, Loch Lomond. Aig Boulardarie Centre, air an naodhamh latha deug dhe ’n mhios, leis an Urr. D. Drummond, Alasdair F. Moireasdan, marsanta, Sidni Tuath, ri Lizzy Nic Neill, nighean do Niall Mac Neill, am Boulardarie Centre. Bas. Aig Reserve Mines, air an latha mu dheireadh de Februaraidh, Mairearad, bantrach Alasdair Mhic-Gilleain, ceithir fichead bliadhna dh’ aois. Rugadh i ann an Uidhist a chinn a tuath. Thainig i do ’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1841, agus shuidhich i ann am Mira, far an robh i fuireach gus o chionn choig bliadhna. Bha i o’n àm sin comhla ri a mac bu shine, Gilleusbuig Mac Gilleain, aig a Mhèinn. Bha i ’fulang gu trom le tinneas fad da mhios mu ’n do chaochail i, ach ghiulan i leis gu foighidneach. Dh’ fhàg i ’na deigh bràth air, piuthar, agus sianar mhac. Na dean Mearachd Rubbers DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR air na prisean a’s ìsle ann an —STOR— REDDEN, Ross Block, Sidni. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaich, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R.R. McIan (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies”dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. [TD 193] [Vol. 10. No. 26. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 14, 1902. No. 26. Daibhidh Stiubhard. LE IAIN. CAIB. VI. BHA fear taigh-òsda ann an Duneidionn ris an cainte Lucaidh Mac Neachdain. Bhiodh a h-uile seòrsa de dhaoine ’measail a’ tathaich an taigh’ aige. Agus bha e mar chleachdadh agamsa ’bhith ’dol do ’n taigh aige air an oidhche a ghabhail smoc, agus a chluinntinn naigheachdan mu dheidhinn Bhonapart, agus a h-uile naigheachd eile a bhiodh a’ dol. Ach bu ghlé ainneamh leam deur a bharrachd air trì ghlaineachan a ghabhail oidhche sam bith. Am measg nan daoine ’bhiodh a’ tathaich an taighe so bha aon duine air an d’ fhàs mi gu math eòlach. Bha e ’na dhuine cho grinn, cho tlachdar, agus cho eireachdail ri fhaicinn ri fear sam bith. Agus a dh’ innseadh na fìrinn, b’ e mo bharail gu ’n robh e ’na dhuine cho suidhichte agus cho onarach ri mac mathar a chunnaic mi riamh. Thachair dhomh a bhith air oidhch’ àraidh gu math na bu chridheile na b’ àbhaist dhomh, agus ars’ esan rium, “A Mhr. Stiubhard,” ars’ esan, “an cuir thu d’ ainm ri bìdeag phàipear a th’ agam an so?” “Cha chuir, tapadh leibh,” arsa mise; “cha ’n ’eil mi deònach a dhol an urras air duine sam bith.” “Tha ’n gnothach ceart gu leòr,” ars’ esan, agus cha robh an corr eadrainn aig an àm. Ach an uair a bha mi ’deanamh deas gu falbh dhachaidh thuirt e, “Dean suidhe gus an gabh sinn glain’ eile, Mhr. Stiubhard; o ’n a tha mi fhìn ’s tu fhein cho mòr aig a chéile, bheir mi dhut glain’ eile.” Leis na rinn e de choiteach orm, shuidh mi comhladh ris, agus bha glaine an déigh glaine againn gus an do chaill mi mu dheireadh mo thùr ’s mo mhothachadh buileach glan. Ciod a thachair ’na dheigh sid, no cia mar a fhuair mi dhachaidh cha ’n urrainn mi radh. Agus is e an aon rud air am bheil cuimhn’ agam, gu ’n robh mo cheann gu sgàineadh an uair a dh’ éirich mi an là-iar-na-mhàireach, agus gu ’n robh Sìne gle chas, agus glé mhi-thoilichte. Coma co dhiubh, cha do smaoinich mi mòran mu dheidhinn a’ ghnothaich, agus bha mi anabarrach toilichte gu ’n do dhiùlt mi a dhol an urras air an duine; oir ann an ceann thrì miosan chuala mi gu ’n do bhrist air, agus gu ’n do theich e le mòran airgid. An ceann beagan làithean ’na dhéigh sid bha mi ’g innseadh do Shìne agus dh’ a màthair mar a bha ’n duine ag iarraidh orm a dhol an urras air, agus bha mi ’g ràdh gu ’m b’ fhortanach an gnothach gu ’n do dhiùlt mi e. Anns an àm co ’thigeadh a steach do ’n t-seòmar ach a’ chaileag shearbhanta, agus thuirt i gu ’n robh duine uasal aig an dorus aig an robh gnothach rium. Anns an fhacal, co nochd a steach do ’n t-seòmar ach fear de chléirich a’ bhanca ris am bithinn a’ deanamh gnothaich. “Deanaibh suidhe,” arsa mise. Cha bu luaithe ’shuidh e na thuirt e: “Is e droch ghnothach a tha ’n so, a Mhr. Stiubhard.” “Ciod an gnothach?” arsa mise, agus ioghnadh gu leòr orm. “Tha gu ’n deachaidh sibh an urras air a leithid so de dhuine,” ars’ esan. “An e mise!” ghlaodh mi, agus mi ’toirt cruinn leum gu meadhain an urlair. “An e gu ’n deachaidh mise an urras air—an dearg shlaoightire—dhiult mi as is as a dhol an urras air.” “Tha d’ ainm ris a’ phàipear so air son mìle punnd Sasunnach,” ars’ an cléireach. “Mìle mollachd!” ghlaodh mi àird mo chlaiginn, agus mi ’bualadh mo choise gu làidir air an ùrlar. “Is e sgriobhadh mealltach, mollaichte a th’ ann!” “Tha ainm a leithid so de dhuine ris a’ phàipear mar fhianuis gu ’n deachaidh tu an urras ann am mìle punnd Sasunnach air an fhear a bhrist agus a theich le mòran airgid,” ars’ an cléireach. Cha robh e ’n comas dhomh aon fhacal a ràdh. Dhùiriginn mullach an taighe leagadh mu m’ cheann agus mi fhìn a thiodhlacadh fodha! Ann an tiotadh thainig cuid dhe na thachair anns an taigh òsda aig Mac Neachdain ga m’ chuimhne, mar gu ’n tigeadh lasair á slochd an dubh-aigean! Bha mo mhàthair-chéile ag amharc orm le suil glé ghruamach, agus chuala mi i ag ràdh gu beag—“Bha mi ’n comhnuidh ag ràdh gu ’n tigeadh an dunaigh as na trì ghlaineachan air a’ cheann mu dheireadh.” Ach bha Sìne a’ cumail oirre fhein gu foighidneach mar bhana-Chriosduidh. Thàinig i far an robh mi, an creutair bochd, agus, an uair a thug i pòg do m’ leith-cheann, thuirt i, “Gabh an gnothach gu réidh, a Dhaibhidh, a cheist. Cha ’n ’eil leasachadh air a’ chùis a nis; guidheamaid gu ’n toir so sùileachan dhuinn ’na dhéigh so.” Chuir mi mo dha laimh m’ a h-amhaich—cha b’ urrainn domh facal a radh—ach mu dheireadh thuirt mi, “Oh, Shìne, bidh e ’na shùileachan dhomh gun teagamh; agus cha ’n e do ghràdh agus do chaoimhneas fhein a ’s lugha ni de mhath dhomh!” Theireadh cuid de dhaoine foghluimte gur e gliocas an t-saoghail so a thug air Sìne deanamh mar a rinn i; ach their mise, o’n is mi a’s eòlaiche air a nàdar, agus air rùintean a cridhe, gur ann a rinn i e, a chionn gu ’n robh i, mar bhana-Chriosduidh, umhail fo ’n chall a thainig ’n ar rathad, agus a chionn gu ’n robh gràdh aice dhomhsa mar mhnaoi dhleasdanaich. Chuir mise, ma ta, call mile punnd Sasunnach orm fhin cho ealamh, agus cho beag smaointean ’s ged a bhithinn a’ smàladh na coinnle. Chuala tu am facal a tha ’g radh, an uair a thig aon mhi-fhortan, gu ’n tig mi-fhortan eile ’na lorg; agus tha fhios agam gur ann mar sin a bha ’chùis do m’ thaobh-sa o thoiseach a’ cheud latha. Aig an àm ud bha dà mhile punnd Sasunnach dhe mo chuid airgid ann an lamhan duin’ uasail aig an robh mòran fearainn, agus bha mi ’faotainn sia puinnd Shasunnach as a’ cheud de riadh uaithe a h-uile bliadhna. Bha h-uile duine ’smaointean gu ’n robh e cho cinnteach ris a’ bhanca. Bha airgiod leis na ficheadan eile air lamhan an duine so. Bha mi ’faotainn an réidh gu riaghailteach, agus cha do ghabh mi an t-amhrus bu lugha gu ’m b’ e duine neo-sheasmhach a bh’ ann. Bha mi ’toirt sùil thairis air a’ phaipear-naigheachd air madainn araidh an uair a bha mi ’gabhail mo bhèidh, agus thachair dhomh sùil a thoirt air an àite dhe ’n phaipear anns an robh ainmeannan nan daoine a bha air bristeadh—agus b’ ainneamh leam sùil a thoirt air a leithid—an uair a thug mi an aire, agus, am freasdal g’ am chuideachadh! ainm an duine do ’n d’ thug mi mo dhà, mhile punnd Sasunnach! Bha ’m paipear agam anns an dara laimh, agus an sàsair anns an laimh eile. Thuit an sàsair agus a’ chofi as mo laimh air clach an teinntein agus chaidh e ’na spealgan! Chaidh mi air chrith o bhonn gu bathais cho luath ri slait ann an sruth. “Oh, Dhaibhidh! ciod e tha ’cur ort? ” arsa Sìne. “Ciod e tha ’cur orm!” arsa mise. Cha chreid mi nach ’eil gu leòr a’ cur orm! Tha sinn air ar cuid dhe ’n t-saoghal a chall!” Ach cha ’n eil feum sam bith dhomh an corr a ràdh mu ’n ghnothach. Cha do phàigh an struthaire ochd sgillin deug as a’ phunnd Shasunnach do luchd nam fiach, agus mar sin bha mi an deigh trì dhe na còig mile punnd Sasunnach a bh’ agam a chall. Chunnaic mi gu soilleir nach ruiginn a leas dùil a bhith agam gu ’m b’ urrainn domh mo theaghlach òg a chumail suas le riadh an airgid a bh’ agam. “Feumaidh sinn baile fearainn a ghabhail?” arsa mise. Agus chunnaic Sìne agus a màthair nach robh dòigh sam bith eile ann leis an rachadh againn air sinn fhin ’s an teaghlach a chumail suas. Air an aobhar sin ghabh mi baile beag fearainn. Chosg mi dlùth air ochd ceud punnd Sasunnach mu ’n do chuir mi fo làn stoc e. Ach air a shon sin, bha sinn glé chomhfhurtail ann. Bha mi-fhìn mòran na bu toilichte ann na bha mi ann an Duneidionn; oir bha obair agam araon do m’ chorp agus do m’ inntinn. Agus bha Sìne ’na bean tuathanaich cho math ’s a b’ urrainn a bhith. Bha ’n t-seana-bhean fhein ag ràdh nach robh i riamh roimhe cho sona ’s a bha i. Agus bha ’chlann cho slàn ’s cho fallainn ris a’ bhreac. Cha b’ urrainn duinn a ràdh gu ’n robh sinn a’ deanamh airgid, mar a their cuid; ach cha robh sinn a’ call dad, agus bha ’dol againn air beagan a chur ma seach a h-uile bliadhna. CAIB. VII. BHA allt domhain faisge air na taighean againn. Mu thri bliadhna an deigh dhomh am fearann a ghabhail, an uair a bha an nighean a b’ oige ma naodh bliadhna dh’ aois, bha i latha ’seòladh iteagan is bhioran anns an allt. Bha mise aig an àm a’ cur a’ mhuilinn-bhualaidh air dòigh, agus rud eiginn an deigh a dhol cearr air. Chuala mi an aona ghlaodh cruaidh aig a’ chloinn eile. Sheall mi am mach as an t-sabhal, agus chunnaic mi iad a’ ruith ’s ag e éigheach ’s ag éigheach, “Sìne! Sìne!” Leum mi air falbh o’n t-sabhal cho luath ’s a bha ’nam cnàmhan. [TD 194] [Vol. 10. No. 26. p. 2] “Ciod a tha cearr, a’chlann?” arsa mise. “Sìne! Sìne!” ars’ iadsan, agus iad ag amharc rathad an uillt. Ruith mi cho luath ’s a leigeadh mo chasan leam. Bha tuil mhòr anns an allt: oir an uair a shileadh an t-uisge trom anns a’ mhonadh, bha ’n tuil a’ brùchdadh a nuas cho bras do ’n allt ’s nach seasadh rud sam bith rithe. Thainig an tuil gun fhios air mo leanabh, agus thugadh air falbh i. Agus mar a bha mise ’ruith ’nam dheann sios ri bruaich an uillt, bha mi ’ga faicinn a’ falbh car ma char leis an t-sruth, agus a falt fada, camalagach, buidhe a’ tighinn an uachdar an dràsta ’s a rithist, gus mu dheireadh an deachaidh i fodha as mo shealladh sios leis an t-sruth. Bha linne dhomhain mu dheich slatan fichead o ’n àite anns am faca mi i. Agus oh! mar a ruith mi feuch an deanainn greim oirre mu ’n tugadh an sruth i bhar bearradh na creige sios do ’n linne! Ach dh’ fhairlich orm a sàbhaladh. Nan robh mi aon tiotadh beag na bu luaithe aig bearradh na creige na bha mi, is docha’ gu ’n robh mi air a sàbhaladh. Ach thug an sruth bhar bearradh na creige i an uair a bha mi ’sìneadh mo laimhe gu breith oirre! Chaidh mo leanabh bochd a bhruthadh ’s a bhàthadh. Leum mi sios do ’n t-sruth aig iochdar na linne, agus rinn mi greim oirre. Ruith mi dhachaidh leatha, agus chuir mi air glùin a màthar i. Thainig an doctair, agus rinneadh a h-uile rud a ghabhadh deanamh rithe; ach cha tugadh rud sam bith air ais a beatha. Dh’ fhàg bàs na h-ighinn anabarrach brònach mi. Agus fad ùine mhath an uair a bhiodh Mairead is Andra nan suidhe aig a’ bhord ri ar taobh, bhiodh cràdh air mo chridhe; oir an uair a bhithinn a’ cur rud air na trinnsearan dhaibh, bu tric leam rud a chur air an treas trinnsear, mar bu ghnàth leam a dheanamh mu ’n do bhàthadh Sìne. Ghabh a màthair bàs an leinibh mòran na bu mhò gu cridhe na ghabh mise. Fad bhliadhnachan bha i glé throm-inntinneach, agus bha i ’cnàmh ’s a’ dol as a h-uile latha. Chomhairlicheadh gu làidir dhi a dhol do àite faisge air a’ chladach far am faigheadh i cothrom air a bhith ’g a faragadh fheth anns an t sàile. Agus o ’n a bha càirdean aice ann am Portobello, thug mi oirre a dhol ann fad seachdain no dhà anns an t-samhradh. Bha Mairead aig an àm mu ochd bliadhna deug, agus bha Andra mu chòig bliadhna deug; agus o ’n a bha mi ’smaointean gu ’m b’ fheairrd iad le chéile a dhol gu cois na mara, leig mi leotha falbh comhladh ri am màthair. Bha iad air falbh fad mhios, agus tha mi ’làn-chreidsinn gu ’n d’ rinn e feum mòr do Shìne. Ach chuir an turus a thug iad ann dragh is cosgais gu leòr ormsa. Thainig atharrachadh mòr air Maireid anns gach dòigh. B’ abhaist dhi a bhith roimhe sid cho sunndach ’s cho beothail ris an uiseag mu Bhealltainn; ach a nis is gann gu ’n robh i toileach a lamh a chur ann an car obrach. Shuidheadh i leatha fhein, agus a dà làimh paisgte, agus coltas bròin is mi-thoileachaidh air a gnùis. Cha b’ urrainn domh fhìn no d’ a màthair a dheanamh am mach ciod a bha ’car dragh oirre. Cha b’ e suidheachadh Andra dad a b’ fhearr. Cha rachadh dùnadh air a bheul o mhoch gu dubh ach a’ bruidhinn air an fhairge. Agus an uair a gheibheadh e an cothrom, bhiodh e seòladh bhàtaichean anns an allt. An uair a bha iad ann am Portobello, chaidh e uair no dhà gu ruige Lìte, agus chunnaic e soithichean, agus dh’ fheumadh e air a h-uile cor a bhith ’na sheòladair. Ach cha ’n fhuiliginn-sa guth no iomradh a chluinntinn air a leithid. Bha ’mhàthair agus a sheanamhair a’ cheart cho fad’ an aghaidh dha a dhol gu fairge ’s a bha mi fhin. Dh’ fhuiling sinn gu leòr o ’n allt a bh’ aig an dorus againn gun ar n-aon mhac a leigeadh an earbsa ris a’ chuan mhòr. Air a shon sin, cha robh buaidh sam bith aig ar bruidhinn air. Cha rachadh dùnadh air a bheul ach ag ràdh, “Feumaidh mi ’dhol a sheòladh.” Air oidhch’ àraidh cha d’ thainig e dhachaidh thun a shuipearach mar a b’ àbhaist dha. Chuir sinn forofhais am mach am measg nan coimhearsnach feuch am faighte sgeul air, ach cha chuala neach sam bith guth no iomradh m’ a dheidhinn. Bha sinn uile ann am fior dhroch staid. Agus bhuail e anns an inntinn agamsa anns a’ mhionaid gur e teicheadh gu muir a rinn e. Chuir mi an diollaid air an each, agus mharcaich mi gu cabhagach gu ruige Lìte, ach cha robh fhios aig duine air dad m’ a dheidhinn. Chuir an gnothach a bh’ ann gu trioblaid mhòir sinn. Agus faodar a thuigsinn cho cruaidh ’s a bha ’n gnothach oirnn an uair a dh’ innseas mi dhut gu ’n deachaidh corr is bliadhna seachad mu ’n cuala sinn guth uaithe. Agus b’ e ’cheud iomradh a chuala sinn m’ a dheidhinn litir a sgrìobh e fhein ugainn á Bengal. Chuir sinn a’ chairt gu ruige Dunse a dh’ iarraidh rudan a bha dhìth oirnn, agus thug an gille a bha leis a’ chairt an litir dhachaidh ’na phocaid. Is math a tha cuimhn’ agam mar a thainig Sìne ’na ruith, agus an litir aice fosgailte ’na laimh, far an robh mi fhìn ’s na daoine a bha ’tannachadh na turneip, agus i ’glaodhaich, “A Dhaibhidh! a Dhaibhidh! so litir a thainig o Andra!” “Leugh i! leugh i!” ghlaodh mise, agus mo shùilean an impis a bhith dall le aoibhneas. Ach cha b’ e mar a theich Andra air falbh an aon trioblaid a bh’ againn ri ghiùlan aig an àm ud. Mar a bha mi ’g innseadh, thainig atharrachadh mòr air Maireid o ’n a thainig i á Portobello. Beagan ùine na dheigh sin thòisich fleasgach òg ri tighinn mu ’n cuairt an taighe. Bha Sìne ag ràdh gu ’n do thachair e riutha uair is uair fhad ’s a bha iad ann am Portobello. Bha ’athair ’na mharsanta ann an Duneidionn, agus thainig am fleasgach òg a dh’ fhuireach do thaigh coimhearsnaich dhuinn. Bha e ’cumail am mach gur ann a dh’ ionnsachadh tuathanachais a thàinig e. Bha e glé spaideil, aotrom, gòrach, agus cha bu toigh leam idir e. Ach bha Mairead, an creutair gòrach, gus a dhol glan as a ciall m’ a dheidhinn. Moch is anamoch bhiodh e ’tachairt rium aig an taigh, agus thuirt mi ris nach b’ urrainn domh leigeadh leis, no le fear sam bith eile, a bhith ’n taobh a staigh dhe mo dhorsan aig a leithid de dh’ uairean. Bha ’n obair so a’ dol air aghart, ma ta, fad corr is bliadhna; agus a dh’ aindeoin na bha mi ’deanamh, bhiodh e fhein is Mairead an comhnuidh ann an cuideachd a chéile. Mu dheireadh sguir e de thathaich an taighe, agus cha deanadh Mairead car ach a’ tuiream ’s a’ caoineadh. Fhuair mi am mach nach robh e deònach a pòsadh, an deigh dha gealltanas pòsaidh a thoirt dhi, mur faigheadh e mìle punnd Sasunnach de thochradh leatha. Cha robh e ’n comas dhomhsa uiread sid de thochradh a thoirt do m’ nighinn, agus idir cha robh toil agam suim cho mór sid a chur ann an lamhan fir a bha cho aotrom, neo-stéidheil risan. Ach thainig Sine far an robh mi, agus i ’sileadh nan deur; agus thuirt i: “Oh, Dhaibhidh! feumaidh sinn an dara cuid dealachadh ris a’ mhile punnd Sasunnach, ar neo caillidh an nighean a beatha agus nàire.” Ged a chuirteadh a’ sgian ’nam chridhe cha bhithinn cho cràiteach ’s a bha mi an uair a chuala mi am facal naire! Mar athair, ciod a b’ urrainn domh a dheanamh! Phàigh mi an t-airgiod dha, agus phòs iad. Cha ’n ’eil feum sam bith dhomh teannadh ri innseadh mar a chaidh am fearann ’nam aghaidh. Aona bhliadhna araidh, bha ’m barr cho dona ’s nach b’ fhiach dhomh a thoirt bhar an achaidh. Anns a’ gheamhradh thachdadh corr is dà fhichead caora fo ’n t-sneachda. Mu dheireadh cha b’ urrainn mi am màl a phaigheadh gu riaghailteach, agus thuit mi ann an ain-fiach trom. Reiceadh an t-innsreadh, an stoc, agus a h-uile rud a bhuineadh dhomh ris an t-saoghal, gus ain-fiach a’ mhàil a phaigheadh. An latha mu’n do reiceadh gach ni, dh’ fhalbh mi le cridhe brònach as an taigh anns an d’ àraicheadh mo phàisdean, gun dad agam ach na bheirinn leam ’nam laimh, agus mo bhean air an dara làimh, agus a seana mhàthair bhochd air an laimh eile! Agus dhùin am maor-siorram an dorus ’nam dhéigh. Chaidh sinn gu ruige Coldstream far an do ghabh sinn seòmar beag, agus cheannaich feadhainn dhe na càirdean rud dhe ’n innsreadh a bh’ againn fhin, agus thug iad dhuinn e gus a chur anns an t-seòmar. Bha sinn glé ghann dhe na h-uile rud. Cha sealladh an duine aig Maireid an taobh a bha sinn, agus cha mhò a bheireadh e an cuideachadh bu lugha dhuinn. Cha robh e ’n comas do Mhaireid cuideachadh a dheanamh leinn. Cha robh dòigh sam bith agam air tighinn troimh ’n t-saoghal mur tòisichinn air an obair-latha; agus bha mi ’dol a dh’ iarraidh obrach an uair a thainig litir o Andra anns an robh leith-cheud punnd Sasunnach. Shil Sine iomadh deur os cionn na litreach ud. Dh’ innis e dhuinn gu ’n robh e ’na mhate air luing mhòir, agus dh’ iarr e oirnn ar n-inntinn a chumail aig fois; oir fhad ’s a bhiodh sia sgillinn aige, gu ’n tugadh e an dàrna leith dhith dh’ a athair ’s dh’ a mhàthair. Chosg an duine aig Maireid a h-uile sgillinn a thug mise dha, agus na thug ’athair dha mar an ceudna; agus air eagal gu ’n cuirteadh ann am prìosan e, theich e, agus dh’ fhàg e ’bhean ’s a chlann ’na dheigh. Thainig iad a dh’ fhuireach comhladh ruinne: agus fad choig bliadhna cha chualas iomradh air. Dh’ fhosgail sinn bùth, agus bha sinn a’ soirbheachadh glé mhath. Mu shia bliadhna ’na dhéigh so, air oidhch’ áraidh an deigh dhomh a’ bhùth a dhùnadh, agus sinn uile ’nar suidhe ma ’n cuairt an teine, chuala sinn bualadh aig an dorus. Chaidh aon de ’n chloinn aig Maireid a dh’ fhosgladh an doruis. Thàinig dithis dheoin-uaisle steach. Leig Mairead glaodh aisde, agus leig fear dhe na daoine e fhein ’na shìneadh aig a casan. “A mhàthair! ’athair!” ars’ am fear eile, “am bheil sibh ’gam aithneachadh?” Co bh’ ann ach Andra agus an duine aig Maireid! Leum mi ’nam sheasamh, leum Sìne ’na seasamh; agus dh’ éirich an t-seana bhean cho cabhagach ’s a b’ urrainn i, agus leig a’ chlann an aona ghlaodh asda, na creutairean bochda. Rug mise air Andra, agus rug a mhathair air, agus shil sinn deòir an aoibhneis. Cha robh mi oidhche riamh ’nam bheatha cho aoibhneach ’s a bha mi an oidhch’ ud. Bha Andra ’na sgiobair luinge. Ghabh an duine aig Maireid aithreachas dhe chuid gòraiche, agus bha e glé mhath dheth anns na h-Innsibh. Chaidh a h-uile rud a chur ceart, agus shoirbhich gu math leis an teaghlach uile riamh o’n uair ud. (A’ chrioch.) [TD 195] [Vol. 10. No. 26. p. 3] Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. XIII. THA leithid de chabhaig ort gu bruidhinn,” ars’ Abon Hasan, “’s nach feith thu gus an soilleirich mise dhut ciod a tha ’nam bheachd a dheanamh. Biodh foighidinn bheag agad, agus bidh fhios agad gu ’m bi thu ’cheart cho deonach bas fhaotainn mar a gheibh mise; oir faodaidh tu ’thuigsinn nach ’eil mi ach a’ dol a leigeadh orra gu ’m bheil mi marbh.” “Ma ’s ann mar mhagadh a tha thu ’dol a dh’ fhaotainn bais, tha mise toileach gu leor deanamh mar a ni thu fhein; ach cha robh mi idir deonach am bas fhaighinn d’ a rireadh.” “Dean air do shocair, agus innsidh mi dhut ciod a tha ’nam bheachd a dheanamh,” ars’ Abon Hasan. “Leigidh mi orm gu ’m bheil mi marbh, agus cuiridh tusa ’nam shineadh mi, agus mo chasan rathad Mheca. Cuiridh tu mo cheann-aodach air m’ aodann, mar gu ’m biodh tu air mo dheanamh deiseil air son mo thiodhlacadh. An uair a ni thu so, toisichidh tu ri glaodhaich aird do chlaiginn, agus ri sileadh nan deur mar a ni daoine an uair a gheibh an cairdean bas. Bi ’leigeadh ort gu ’m bheil thu toileach d’ aodach a shracadh; agus d’ fhalt a spionadh, agus le d’ fhalt sgaoilte mu d’ ghuaillean theid thu far am bheil Sobaide. Feoraichidh i dhiot c’ar son a tha thu ri ’leithid de bhron; agus an uair a dh’ innseas tu dhi, agus tu ’g osnaich ’s ag ochanaich, gu ’m bheil mise marbh, gabhaidh i truas dhiot, agus bheir i dhut airgiod gus mise ’chur fo ’n talamh, agus pios a dh’ aodach ro luchmhor gus a chur thairis orm, a chum gu ’m bi mi air m’adhlacadh leis a’ bharrachd urram, agus mar an ceudna, aodach riomhach a ni trusgan broin dhut fhein an aite an fhir a tha thu ’dol a shracadh. Cho luath ’s a thig thu air ais leis an airgiod ’s leis an aodach, eiridh mise, agus laidhidh tusa ’nam aite, agus theid mi far am bheil an righ, agus ni mi air mar a ni thusa air Sobaide. Agus tha mi ’creidsinn gu ’m bi an righ a’ cheart cho fialaidh ri Sobaide fhein.” An uair a shoilleirich Abon Hasan do ’n mhnaoi an rud a bha ’na bheachd a dheanamh thuirt i ris: “Tha mi ’smaointean gur e deadh chleas a th’ ann, agus mur ’eil mi air mo mhealladh, bheir e air an righ, agus air Sobaide, gu ’m bi am barrachd tlachd aca dhinn. Deanamaid mar a tha thusa ’g iarraidh. Leig thusa leamsa mo chuid fhin dhe ’n obair a dheanamh; agus theid mi ’n urras gu ’n dean mi mo ghnothach a’ cheart cho math riut fhein.” Chord an gnothach a bha iad a’ cur rompa ’dheanamh gle mhath ri Noushatal, agus thuirt i ri Abon Hasan: “Cuir dhiot gun dail a h-uile snaithle ’th’ umad ach do leine ’s do dhrathais fhad ’s a bhios mise ’faotainn an anairt air doigh. Tha fhios agam cho math ri neach sam bith cia mar is coir adhlacadh a dheanamh: oir fhad ’s a bha mi ’nam shearbhanta aig Sobaide, an uair a gheibheadh aon dhe mo cho shearbhantan bas, b’ ann rium a bha ’n t-adhlacadh air earbsa.” Rinn Abon Hasan mar a dh’ iarr a bhean air, agus leig e e-fhein air a dhruim direach air an anart gheal a sgaoil i air meadhain an urlair. An uair a phaisg e a lamhan air ’uchd, chuir a bhean an t-aodach mairbh mu ’n cuairt da. Sgaoil i anart tana geal, agus a cheann-aodach air ’aghaidh, air dhoigh gu ’m faigheadh e ’anail a tharruinn gu math. Agus cha robh dad ri dheanamh ach a chur anns a’ chiste. ’N a dheidh so, thilg i dhith a comhdach-cinn, agus le deoir air a suilean, agus le a falt sgaoilte m’ a guaillean, agus i mar gu ’m biodh i dol g’ a spionadh aisde, dh’ fhalbh i far an robh Sobaide, le glaodh cruaidh, goirt ’na ceann, agus i bualadh a h-aghaidh agus a h-uchd. An uair a chuala Sobaide an glaodh cruaidh, goirt a bh’ aig dorus an t-seomair aice, chuir i te dhe na searbhantan a dh’ fhaicinn co bh’ ann, agus dh’ innis an t-searbhanta dhi gu ’m b’ e Noushatal a bh’ ann. Ghrad dh’ eirich Sobaide, agus chaidh i gu dorus an t-seomair feuch am faigheadh i ’mach ciod a thachair. An uair a chunnaic Noushatal Sobaide, thoisich i ri glaodhaich ’s ri sileadh nan deur na bu bhraise na bha i riamh, agus an uair a thug i greiseag air spionadh a fuilt, agus air bualadh a h-aghaidh agus a h-uchd, thilg i i-fhein aig casan Sobaide. Ghabh Sobaide uamhas an uair a chunnaic i mar a bha, agus dh’ fheoraich i dhith ciod a thachair. An aite freagairt a thoirt dhi, is ann a thoisich Noushatal ri tuiream ’s ri caoidh na ’s mo na bha i roimhe; agus mu dheireadh dh’ fheuch ì, ma b’ fhior, ri stad a chur oirre fhein, agus thuirt i: “Ochan! mo bhan-mhaighstir ghaolach, cha b’ urrainn mi-fhortan bu mho tighinn ormsa na na thainig orm an diugh. Agus is e sin a tha ’toirt orm mi-fhin a thilgeadh sios aig thur casan. Gu ’n cuireadh Dia fad ri thur laithean, agus gu ’n tugadh e dhuibh slainte agus sonas fad thur laithean! Abon Hasan! Abon Hasan bochd! air an robh meas cho mor agaibh, agus a cheadaich sibh dhomh a phosadh, tha e ’n diugh marbh.” An uair a labhair Noushatal na briathran so, thoisich i ri gul ’s ri caoidh, agus thilg i i-fhein rithist sios air an lar aig casan na banrigh. Ghabh a’ bhanrigh ioghnadh anabarrach an uair a chual’ i an droch naigheachd. “An e gu ’m bheil Abon Hasan marbh?” ars’ ise; “duine cho slan, cho fallainn, agus cho tlachdar ’s a b’ urrainn a bhith. Gu cinnteach ceart cha robh duil sam bith agam gu ’n tigeadh am bas air cho luath. Bha ’choltas air gu ’m biodh e gu math fada beo agus bu mhath a b’ airidh e air a bhith fada beo.” Thoisich i fhein ri gul ’s ri caoidh mar a rinn a h uile aon dhe na mnathan-coimhideachd, oir bha cuimhne mhath aca air a’ chomhradh thaitneach a bhiodh aig Abon Hasan an uair a rachadh e, comhladh ris an righ, do sheomar na banrigh. Bha iad uile gle thursach ’ga chaoidh. Mu dheireadh labhair Sobaide mar so ris a’ bhantraich, agus thuirt i: ‘A bhean aingidh! is docha gur tu fhein bu choireach ri e dh’ fhaotainn a’ bhais! Chuir thu dragh air le do dhroch nadar, agus mu dheireadh chur thu am bas air.” Bha Noushatal a’ cumail am mach gu ’n do chuir na briathran so doilghios mor oirre, agus thuirt i: “Ah! bhaintighearna, cha chreid mi riamh fhathast gu ’n d’ thug mi an t-aobhar bu lugha do bhur morachd am beachd sin a ghabhail orm. Theirinn gur mi-fhin boirionnach cho olc ’s a th’ air an t-saoghal nan creidinn gu ’n deanainn na tha sibh ag radh. Bha meas mor agam riamh air Abon Hasan, mar bu choir a bhith aig mnaoi air fear do ’m biodh gradh aice. Tha mi cinnteach gu’n robh a’ cheart uiread de mheas agus de ghradh agam air ’s a bh’ aige fhein ormsa. Tha mi ’lan-chinnteach gu ’n togadh e fianuis leam anns a’ chuis so nan robh e beo; ach a’ bhaintighearna,” ars’ ise’ “thainig an t-am, agus b’ e sin a b’ aobhar gu ’n do bhasaich e.” Thug Sobaide an aire gu ’n robh Noushatal, fhad ’s a bha i ’na seirbhis, cho ciuin, cho siobhalta, agus cho tlachdar anns gach doigh ’s a b’ urrainn a bhith, agus bha fhios aice gu ’n robh i gu nadarra mar sin. Chreid i a h-uile facal a thuirt i rithe, agus dh’ ordaich i do ’n fhear-ionmhais ceud bonn oir a thoirt dhi, agus pios de dh’ aodach ro riomhach. Gun dail sam bith thugadh do Noushatal an t-or ’s an t-aodach riomhach, agus cho luath ’s a fhuair i e, thilg i i-fhein air an urlar aig casan Shobaide, agus thug i mile taing dhi. “Bi falbh,” arsa Sobaide, “agus cuir an t-aodach sin thairis air corp do chompanaich, agus cosg an t-or ri ’chur fo ’n talamh leis an urram air am bheil e dligheach. Na bi idir cho bronach ’s a tha thu, agus bheir mise an aire nach bi eis sam bith ort.” Cha bu luaithe a fhuair Noushatal am mach a lathair na banrigh na thoisich i na deoir bhar a gruaidhean, agus thill i dhachaidh le mor-aoibhneas a dh’ innseadh do Abon Hasan mar a chaidh leatha. An uair a rainig i dhachaidh agus a chunnaic i Abon Hasan ’na shineadh air meadhain an urlair, thoisich i ri gaireachdaich gu cridheil. Ruith i far an robh e, agus thuirt i ris grad eirigh gus gu ’m faiceadh e cho math ’s a chaidh an gnothach leatha. Dh’ eirich e gu grad, agus bha aoibhneas gu leor air an uair a chunnaic e cho math ’s a shoirbhich leatha. Cha b’ urrainn i cumail oirre fhein an deigh cho math ’s a chaidh an gnothach leatha, agus thuirt i ris, agus i ’gaireachdaich, “Eirich as a’ sin cho luath ’s a rinn thu riamh, agus leig leamsa ’bhith marbh na d’ aite, agus faiceam gu ’n toir thusa an car as an righ cho math ’s a thug mise, an car as a’ bhanrigh.” “Sin agad nadar nam mnathan gu leir,” ars’ Abon Hasan; “faodar a radh le firinn gu ’m bheil iad a’ creidsinn gu ’n dean iad a h-uile rud na ’s fhearr na ni na fir ged, aig a’ cheart am, a chuireas iad an comhairle ris na fir a thaobh a h-uile rud a ni iad. Bu ghnothach iongantach e da rireadh mur rachadh agamsa, an deigh dhomh an t-innleachd a dheanamh, air mo ghnothach a dheanamh a’ cheart cho math riut fhein. Ach na cuireamaid seachad an uine ann am bruidhinn gun doigh mar so. Leig thu fhein ’nad shìneadh ’nam aite-sa, agus chi thu gu ’n dean mise mo ghnothach cho math riut fhein.” Chuir Abon Hasan a bhean ’na sineadh air an urlar mar a bha e fhein, agus an sin chuir e a cheann-aodach uime mar gu ’n deanadh duine a bhiodh fo throm bhron, agus dh’ fhalbh e ’na dheannaibh far an robh an righ. Bha ’n righ aig an am a’ cumail comhairle maille ri beagan de dh’ ard-mhaithean na rioghachd. Chaidh e thun an doruis, agus o ’n a bha fhios aige gu ’m faodadh e dhol a steach uair sam bith dh’ fhosgail e an dorus. Chaidh e steach, agus leis an dara laimh bha e ’cumail a neapaigin ri shuilean, a chum gu ’n saoileadh an righ gu ’n robh e sileadh nan deur gu frasach. Bha e mar an ceudna ’bualadh ’uchd agus a’ glaodhaich mar gu ’m biodh e air a lot le trom bhron. An uair a chunnaic an righ an staid mhuladach anns an robh Abon Hasan, ghabh e ioghnadh gu leor. Chuir e stad air obair na comhairle, a chum gu ’m faigheadh e mach ciod a bha cearr air Abon Hasan. An uair a chuir an righ ceisd air, thuirt e: “A Cheannaird nan Creidmheach, gu ’n gleidheadh Dia thur morachd air an righ-chathair, air am bheil sibh a’ deanamh bhur dleasdanais gu cothromach agus gu ceart! Cha b’ (Air a leantuinn air taobh 198.) [TD 196] [Vol. 10. No. 26. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us cur air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, AM MART 14, 1902. Call an Africa mu Dheas. THAINIG call mor air an arm Bhreatunnach an Africa mu Dheas air an t-seachdain so. Chaill buidheann shaighdearan a bha fo cheannardachd an t-Seanalair Methuen blàr a chuireadh ris na Boerich; bha àireamh mhor dhiubh air am marbhadh ’s air an leònadh, ’s cunntas cheudan air an glacadh. Bha Morair Methuen fhein air a leonadh ’s air a ghlacadh, ’s tha e nis ann an làmhan nam Boerach. Tha Morair Roberts agus Citchener a’ toirt deagh chliù air Methuen mar shaighdear treun ’s mar sheanalair glic comasach; ach feumar a radh gu bheil moran a’ cur sin an teagamh. B’ esan a rinn mearachd a chuir sgrios uamhasach air na reiseamaidean Gàidhealach ann am blàr Magersfontein. Cha robh soirbheachadh mor sam bith leis aig àm sam bith o’n thòisich an cogadh, agus tha ’n call so a thachairt dha nuair a tha ’n t-stri a’ teannadh ri crìch a toirt air daoine bhi car teagamhach a thaobh a chomais ’s a ghliocais mar cheannard airm, ged dh’ fhaodas e bhi cho treun ’s cho dileas mar shaighdear ’s bu chòir dha bhith. Faodaidh gu bheil na Gàidheil air mearachd Magersfontein a mhathadh do Mhethuen, ach cha ’n eil iad air a leigeil air diochuimhn’; agus ’s i bharail a bhios aca nach eil anns a’ mholadh a thatar a’ deanamh air aig an àm so ach seòrsa de mholadh mairbh. Cuisean na h-Airde ’n Ear. THUGADH iomradh anns an àireamh mu dheireadh air cùmhnant a bhi air a sheulachadh eadar Breatunn is Iapan a thaobh Sina. Uaithe sin thainig fios gu robh na Staidean dhe ’n aon inntinn riutha anns a’ chùis sin, agus ged nach ceangail i i-fhein ri cùmhnant sam bith, gu ’m bi i aig gach àm feuma deiseil gus an cuideachadh. Bidh na tri dùthchannan sin an deigh so a’ cumail sùil gheur air deanadais Ruisia anns an àirde ’n ear, agus theid iad, ma ’s fheudar, an guaillibh a cheile a chum Sina a chumail slàn mar a tha i fo riaghladh a sluaigh féin, agus a dorsan fosgailte do mhalairt an t-saoghail. Tha cuid a cur air mhanadh do Shina gu ’n tig i gu bhi ’san Asia mar a tha an Tuirc o chionn iomadh bliadhna anns an Roinn-Eòrpa, na dùthaich a bu mhiann leis gach aon de na rioghachdan mora a chur á bith, ach air nach toir aon seach aon an ionnsuidh air eagal na rioghachdan eile a ghluasad gu corruich. Feumar a bhi ’n dòchas nach ann mar sin a bhitheas, ach gu ’n ath-bheothaich Sina ’s gu ’n dean i adhartas a cheadaicheas dhi a h-àite ghabhail an ùine ghearr ann an comhairle nan rioghachdan. Cha mhor an cùnntas bhliadhnaichean o’n bha Iapan air a meas le rioghachdan na h Eòrpa mar a tha Sina an diugh, ach an deigh so cha bhi e comasach do aon de na rioghachdan sin gluasad sam bith a dheanamh air taobh an ear na h-Asia gun a chùis a chur an toiseach an cead Iapan. Faodaidh e bhith nach eil an latha fad as anns am bi an ceart ni fior mu Shina. “Sgeulaiche nan Caol” THA an leabhar-sgeòil so a tighinn ugainn á Glascho. Tha e air a sgriobhadh gu h-iomlan le Iain Mac Phàidein, fear a chuir eòlas air a luchd-dùthcha ’san dòigh cheudna roimhe nuair a chuir e mach “An t-Eileanach.” Cha ’n eil teagamh nach aithne do àireamh mhor de ar luchd-leughaidh an leabhar sin; agus faodar a radh gu bheil an leabhar ùr pailt cho math ris mur eil na ’s fhearr. Tha Mac Phàidein na bhàrd cuide ri bhi na sgeulaiche, agus tha àireamh dhe chuid òran anns an leabhar, cuid dhiubh a fhuair duais, agus cuid eile ’fhuair moladh aig “Mòd” a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Tha sgeul ghoirid as an leabhar air a toirt seachad air taobh eile dhe ’n àireamh so. Tha MAC-TALLA a’ guidhe deagh chreic agus soirbheachadh le’ “Sgeulaiche nan Caol,” agus saoghal fada, feumail d’a ùghdar. Sgeul Ur ’sa “Mhac-Talla” ANNS an àireamh so tha sgeul Dhaibhidh Stiubhaird air a toirt gu crìch. O na chuala sinn, tha sinn a’ creidsinn gu ’n do chòrd i fior mhath ris an luchd-leughaidh, mar a chòrdas gach sgeul is litir is sgriobhadh eile thig o pheann ar caraid urramaich “Iain.” Anns an ath àireamh gheibhear a cheud chaibideil de sgeul ùr le Seumas N. Mac-Fhionghain, am fear is ùghdar do “Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.” Neach a leugh an sgeul sin, bidh dùil aige ri deagh thoileachadh fhaotainn ann an sgeul sam bith a thig o’n pheann a sgriobh i, agus cha bhi e air a mhealladh innte so. Is e ’s ainm dhi “Iain Mor nan Ord.” Bha an curaidh sin, agus iadsan uile mu ’m bheil an sgeul air a h-aithris, ann ri linn Bliadhna Thearlaich, agus a’ gabhail pàirt an cunnartan ’s an cruadalan nan amannan garbha sin. Cha bhi an t-aithreachas air neach sam bith a leughas mu “Iain Mor nan Ord.” Roosevelt ’s na Boerich. MAR a tha fhios aig na h-uile, tha Roosevelt, Riaghlair nan Staidean de shinnsearachd Dùitseach. Agus ni a bha nàdurra gu leòr, bha na Boerich an dùil, nuair a thainig e do ’n dreuchd sam bheil e, gu ’n nochdadh e bàigh ri ’n aobhar nach do nochd Mac-Fhionnlaidh. Thainig dithis theachdairean uapa g’a ionnsuidh air an t-seachdain s’a chaidh, a chur an càs f’ a chomhair, ’s a’ ghuidhe gu ’m feuchadh e ri toirt air Breatunn sìth a dheanamh riutha air chumhachan leis am biodh iad riaraichte. Ach cha d’ fhuair iad misneach chòir sam bith uaithe. Dh’ éisd e gu foighidneach ris na bha aca ri radh, ach b’e ’n fhreagairt a rinn e nach gabhadh na Staidean gnothuch ris a chùis idir, ’s ghuidh e latha math leotha. Tha na teachdairean an deigh cuairt a chur air cùirtean rioghail na h-Eòrpa leis an tagradh cheudna, ach gu ruige so cha do ghabh dùthaich sam bith am pàirt. Tha iad a’ tuigsinn gu math gu feum réiteachadh na cùise a bhi air fhàgail gu h-iomlan an làmhan an Riaghlaidh Bhreatunnaich; agus mar is luaithe thuigeas na Boerich sin, ’s ann is fhearr dhaibh féin agus is luaithe bhios an t-sith air a nasgadh ann an Africa mu dheas. Fhad ’s a bhios sgàile dòchais aca gu ’m faigh iad cuideachadh, feuchaidh iad ri seasamh a mach. Cabhlach-Cogaidh Bhreatuinn. THA cabhlach-cogaidh Bhreatuinn a’ sior fhàs am meud. Thatar aig an àm so ag obair air còrr is tri fichead soitheach is bàta cogaidh, agus bithear a’ tòiseachadh air dlùth air deich air fhichead eile romh dheireadh na bliadhna. Bidh crioch air a chur air da fhichead ’sa naodh dhiubh am bliadhna. Bidh cosguis an airm-mhara am bliadhna, eadar thogail shoithichean is eile, cho àrd ri $156, 275,000. ’S e $54,375,000 an t-suim a chosg e an uiridh. Sloigh an t-Saoghail. FAODAR slòigh an t-saoghail a roinn nan tri buidhnean; na Cocàsaich, na Mongolaich, agus na Sudànaich. Tha craicionn geal, donn, no dubh air na Cocàsaich agus tha am bilean tana. Tha craicionn buidhe, donn, no donn-dhearg air na Mongolaich; tha am falt garbh agus dubh; agus tha iad a dh’ easbhaidh feusaige. Tha craicionn dubh no dubh-dhonn air na Sudànaich is falt camagach, agus tha am bilean tiugh. Tha na Cocàsaich a gabhail a staigh nan daoine geala gu léir agus beagan de dhaoine dubh-chraicneach air a bheil an aon chumadh aodainn ris na daoine geala. Faodar tri roinnean a dheanamh air na daoine geala; na h-Ariaich, na Seamaich, agus na Hamaich. Thainig na h-Ariaich bho Iàfet. An déidh dhaibh tùr Bhabel fhàgail bha iad a còmhnuidh eadar a Mhuir Chaspach agus a Mhuir Dhubh. As a sin sgaoil iad an iar agus an ear. Thainig iad mu dheireadh gu bhith air an roinn mar a leanas; na Cealtaich ’s an Fhraing agus an Eileinean Bhreatainn; na Gearmailtich anns a Ghearmailt ’s an Lochlann; na Lituanaich an Russia ’s am Prussia; na Slàvaich ’sa Ghearmailt, an Austria, ’s an Tuirc, ’s an Russia; na Laideannaich, no na Roimhich, ’s an Eadailt; na Greugaich ’sa Ghréig; na h-Armenianaich an Armenia; na Persaich am Persia; agus na Hindùaich Ariach ’s na h-Innsibh. Cha robh dùthaich gus an deach na h-Ariaich anns nach d’ fhuair iad sluagh romhpa. Cheannsaich iad gach sluagh a thachair orra, ach cha do sgrios iad as iad gu tur. Ghabh iad an nigheanan mar mhnathaibh agus thug iad an nigheanan dhaibh mar mhnathaibh. Cha ’n fheil mar sin sluagh sam bith ann an diugh a tha na ’n Ariaich as is as, agus is math an gnothach nach h-fheil. Tha e gu feum mor gum biodh sluagh de gach gnè air an cothlamadh am measg a cheile. Ghabh na Hamaich seilbh air Fenicia, Canaan, an Eipheit, Etiopia, agus Libya, no ceann tuath Africa an iar air an Eipheit. Thainig moran diu do ’n Roinn Eorpa. Is ann diu a bha na h-Ibèrich ’san Spàin, na Ligùraich ’san Eadailt ’s anns an Fhraing, na h-Etruscaich ’san Eadailt, agus ua Pealasgaich ’sa Ghréig. Thainig na h-Ariaich do ’n Eadailt bho Ghàl, no ’n Fhraing agus tir nan Swiseach, agus cheannsaich iad na Hamaich. Ach bha na Hamaich moran na bu lionmhoire na iad fein. Tha mar sin tuilleadh de dh-fhuil Hamach na de dh-fhuil sam bith eile an cuislibh nam Feadailteach gus an la an diugh. Co dhiu, is e sin beachd Shergi, ard-fhear-teagaisg sluagh-eolais an oilthigh na Roimhe. A. M. S. [TD 197] [Vol. 10. No. 26. p. 5] Naigheachdan. SGEULA BAIS ANDREE—Bha daoine cinnteach o chionn fhada nach bu bheò do Andree, am fear a dh’ fhalbh am baloon a bhliadhna roimhe a shireadh crann a tuath an t-saoghail. Ach cha robh fhios aca ciod a ghnè bàis a thainig air gus o chionn ghoirid. Tha sgeul a thainig as an fhior àirde tuath ag innse gu’n deachaidh a mharbhadh leis na h-Escimos. BACADH CREIC DEOCH LAIDIR—Tha a dha de Roinnean Chanada an deigh laghannan-bacaidh a dheanamh a thaobh deanamh is creic deoch làidir. Ann an Eilean a’ Phrionnsa, tha an lagh air a chur air obair cheana; ach ann am Manitoba tha an lagh a rinneadh ri bhi air a chur an cead an t-sluaigh mu ’n teid a chur an greim. Tha Pàrlamaid Ontario aig an àm so a’ dealbh achd air son an aobhair cheudna, ach cha bhi e air a ghabhail mar lagh gus an cuir a’ mhor chuid de ’n t-sluagh an aonta ris. SOITHEACH GUAIL AIR A CALL—Dh’ fhalbh an soitheach-smùide Tiber á Louisburg Di-ciaduin, an siathamh latha fichead dhe’n mhios a chaidh, ’s i dol le luchd guail do Halifacs. Cha d’ rainig i a ceann-uidhe riamh, agus tha fiodh briste a chuireadh air tir leis a mhuir ag innse gu’n deach a call air a turus. Bha fichead duine de sgioba oirre, agus cha’n eil teagamh nach robh iad uil’ air am bàthadh. Bhuineadh an soitheach do Mhontreal, agus bu Fhrangaich Chanadach an àireamh bu mhotha dhe ’n sgioba ’bh’ oirre. “STRIKE” ANN AM BOSTON—Air an t seachdain so sheas àireamh mhor de luchd-laimhseachaidh is tarruinn bathair is nithean eile a mach ann am Boston a diùltadh obrach. Bhatar a’ meas gu robh mu dheich mile fichead duine mach, agus bha am baile an éis mhoir fad dha no tri lathaichean. Bha taighean-òsda is àiteachan dhe’n t-seòrsa sin a fulang gu mor le cion guail. Ach bha riaghailt mhath air na daoine fhad ’sa bha iad a mach, agus cha robh aimhreit no làmhachas làidir sam bith na ’m measg. Tha iad roimhe so air a dhol a dh’ obair. TUILLEADH OIR ’SA CHLONDAIC—Tha fiosan a thainig á baile Dawson o chionn ghoirid ag innse gu bheilear aig an àm so a faotainn an òir na ’s pailte na bhatar ga fhaotainn o chionn còrr is bliadhna. Tha e na ’s doimhne ’san talamh na far an robhtar ga chladhach roimhe, agus tha e anabarrach beairteach. Thug aon duine nach coig mìle deug dolair an uachdar le obair aon latha, agus fhuaireadh fiach sia ceud dolair a nighe á aon làn pan de ’n ùir. Ma thionndaidheas moran àiteachan a mach cho math sin, theid daoine na ’m breislich mu ’n Chlondaic mar nach deach iad riamh roimhe. MARCONI AIR TILLEADH—Tha Marconi aig an àm so ann an Ottawa, agus bidh e ann an Ceap Breatunn deireadh na seachdain so. Tha an t-àrd-riaghladh a’ gealltuinn cuideachaidh dha, ach cha ’n eil fhios fhathast dé uiread. Tha e ’g ràdh, nach leig e leas a bhi ’n éis, ged nach fhaigheadh e cuideachadh o Chanada idir, gu faigh e na dh’ fhoghnas de dh’ airgead anns na Staidean is ann am Breatunn. Cha ’n eil teagamh sam bith aige nach soirbhich leis anns an obair. Tha e ’g radh gu ’m bi ’na chomas fiosan a chur do dh’ àiteachan a tha cho fad air falbh ri Cape Town, an ceann a deas Africa, agus nach eil orrasan a tha cur sin an teagamh ach nach eil iad a’ tuigsinn mar a tha ’n t-inneal ag obrachadh. DROCHAID AIR CAOLAS CHANSO—Tha e gle choltach, aig an t suidhe so de ’n àrd-phàrlamaid, gu’m bi cuideachd air a corpachadh air son drochaid a chur air Caolas Chanso. Tha eilean Cheap Breatuinn a nise tarruinn barrachd aire ’sa b’ àbhaist, oir tha moran obrach a’ dol air adhart ann, agus bhiodh e feumail a thoirt gu bhi cho deiseil do’n chuid eile de Chanada ’sa ghabhadh deanamh. Tha an t-aiseag aig a Chaolas a’ cur maille mhor air falbh is tighinn luchd-turuis, agus mar is luaithe theid drochaid a chur tarsuinn air, ’s ann is fhearr. Cha’n eil teagamh nach e an t àrd-riaghladh bu chòir an drochaid a thogail, oir ’s ann do’n dùthaich a bhuineas an rathad iaruinn air gach taobh dhi; ach mur bi iad deònach a togail air cosd na dùthcha, cha’n eil teagamh nach toir iad deagh chuideachadh do ’n chuideachd a ghabhas an obair as laimh. TEINE ANN AN LOUISBURG—Bha teine caillteach ann an Louisburg maduinn Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha togalach tri-lobhtach anns an robh stòr agus àite-còmhnuidh air a losgadh gu làr. Bha an stor air a cumail le Max Fried, agus bha na bh’ innte de bhathar air a chall gu h-iomlan, fiach tri mìle dolair. ’S e fear Dixon aig an robh a chòmhnuidh ’san taigh, agus chaidh sàbhaladh caol air fhein ’s air a theaghlach. Bha innsridh an taighe air a chall. NAIGHEACHD MHULADACH—Thachair ni muladach ann am Montane, Cuebec, toiseach na seachdain so. Bha taigh anns an robh fear Artar Bouchard ’s a theaghlach a’ còmhnuidh air a losgadh, agus cha d’ fhuair neach as le ’bheatha ach Bouchard fhein. Shàbhail esan le leum am mach air uinneig. Bha a bhean ’s a naodhnar chloinne air an losgadh gu bàs. Chuir an call uamhasach a thainig air an duine bhochd inntinn air amhreit, agus tha e nise gu tur as a rian, ’s gun chomas air innse ciamar a thachair. SOITHEACH-IASGAICH AIR CHALL—Sheòl an soitheach iasgaich Alva á Gloucester, Mass., o chionn còrr is sia seachduinean, agus cha d’ fhuaireadh sgeul oirre uaithe sin. Bha i ri bhi air falbh aig an iasgach mu thri seachduinean. Cha ’n eil teagamh sam bith a nise nach deach a call. Bha ochd duine deug de sgioba oirre, agus bhuineadh iad uile ach dithis do Nobha Scotia ’s do Cheap Breatunn. Bha ’n dachaidhean aig a mhor chuid diubh mu Chaolas Chanso. B’ e an sgiobair a bh’ oirre Uilleam Domhnullach á Mulgrave. IASGACH NAN RON—Tha iasgach nan ròn a tòiseachadh an Newfoundland ’s an Labrador an diugh. Dh’ fhalbh a’ chabhlach-iasgaich á acarsaid St. John’s Di luain s’a chaidh. Latha no dha roimhe sin chaidh mu thri mìle de na h-iasgairean a bha gu falbh air na soithichean an aghaidh obrachadh gun tuilleadh tuarasdail fhaotainn. Mhears iad troimh ’n bhaile gu lùchairt an Riaghlair, ’s chuir iad an càs fa chomhair. Chaidh cùisean a shocrachadh Di-luain; fhuair na h-iasgairean àrdachadh tuarasdail, agus sheòl na soithichean an deagh àm. CREIC MHOR GUAIL—Thatar ag aithris gu bheil cuideachd a’ ghuail an deigh còrdadh a dheanamh ri cuideachd an C.P.R. air son creic leth millein tunna guail ’sa bhliadhna gu ceann choig bliadhna, ’S e coig ceud mile tunna an tomhas a’s lugha cheannaichear an aon bhliadhna, agus faodaidh gu’m bi e cho àrd ri ochd ceud mile tunna ’sa bhliadhna. Bha an C.P.R. roimhe so a’ ceannach o’n chuideachd da cheud gu leth mile tunna ’sa bhliadhna, agus ga ’fhaighinn air 35c. an tunna na’s lugha na bhios iad a’ pàigheadh air fo ’n chòrdadh ùr. Tha margadh a’ ghuail, a reir gach coltais, gle mhath, agus na prisean ag eirigh. PARLAMAID NOBHA SCOTIA—Cha’n eil moran de chùisean cudthromach air beulaobh na pàrlamaid so agus tha dùil gu ’m bi i a’ sgaoileadh mu dheireadh a mhios. Tha moran am barail gu’m bu chòir do na tri Roinnean Iochdarach,—Nobha Scotia, New Brunswick, agus Eilean a Phrionnsa, a bhi air an tàthadh ri cheile mar aon Roinn, le aon Riaghladh agus aon Phàrlamaid. Chaomhnadh sin moran airgeid gach bliadhna agus bhiodh cùisean pailt na b’fhearr air gach dòigh. Cha ’n eil uiread sluaigh anns na tri Roinnean so ’sa tha ann an Ontario no ann an Cuebec, agus car son a bhiodh aca ri bhi cumail suas thri Pàrlamaidean leis gach cosguis a tha ’n ceangal riutha? A’ BHREAC PAILT—Cha chluinnear moran iomraidh air an euslaint so ann an Roinnean Iochdrach Chanada air an àm so, ach tha i gle phailt ann an cearnan eile. Ann an Ontario bha còrr is seachd ceud na’n laidhe tinn leatha air a mhios a chaidh seachad. Cha do dh’ eug dhe’n àireamh sin ach aon duine. Tha i mar an ceudna gle phailt ann an Cuebec. Anns na Staidean b’ fheudar am moran àiteachan na sgoilean ’s na h-eaglaisean a dhùnadh. Tha i anns an t-seann dùthaich cuideachd, agus am baile mor Lunnainn tha i ag aobharachadh moran bhàs. Tha uiread sluaigh daonnan air an fhalbh eadar gach cearna dhe ’n t-saoghal, ’s gu bheil tinneas gabhaltach soirbh a sgaoileadh, agus na ’s doirbhe chur fodha na bha e ’s na h-amannan a dh’ fhalbh. Litir a Loch an Fhuamhair. FHIR-DEASACHAIDH UISEIL—Ged nach ’eil annnamsa ach tuathanach gun mhoran sgoile no comas air sgriobhadh Gàilig ach na dh’ ionnsaich mi le bhi ’leughadh MHIC-TALLA, tha mi ’n dòchas nach dean sibh tàir air mo litir. Tha deagh fhios agam gur math le ’r luchd-leughaidh iomradh fhaotainn air sliochd nan laoch a thainig a nall as an t-seann dùthaich bho chionn fada do dh’ America, agus leis a sin bheir mi cùnntas goirid air teaghlach no dha a thainig á Mùideart bho chionn tri fichead bhliadhna, agus a ghabh còmhnuidh aig Loch an Fhuamhair, ann an siorrachd Guysboro, N. S. B’ e Aonghas Mac Isaic a cheud fhear a shuidhich aig an Loch. Theirteadh Aonghas Bàn Sanirisey ris ann am Mùideart. Anns a bhliadhna 1843 dh’ fhàg e fhein ’s a theaghlach Mùideart agus thàinig iad gu America. Thog e mòran de dh’ fhearann coille aig an Loch, gu leòr fearainn gu baile ’m fear a thoirt d’a shianar mhac. Tha oghaichean a nis a gabhail comhnuidh air na bailtean so agus a deanamh gu ro mhath. Tha triùir de mhic Aonghais a làthair: Domhnull, Aonghas agus Alasdair, no Alasdair Bàn, mar a their sinn ris. Ged nach robh Alasdair Bàn ach gle òg a fàgail Mhùideart, cha do leig e air di-chuimhne na chunnaic agus na chuala e an Tir nam Beann. Bha e ro mheasail air ceòl na pìoba, agus chum e cuimhne air mòran de na puirt a bhiodh e ’cluinntinn aig na pìobairean air bòrd nan soithichean. Bhiodh e ’deanamh feadain de bhioran ùinnsinn anns an cuireadh e ribheid de dh’ fhodar coirce, agus leis an fheadan so chluicheadh e gu sunndach. Bha Alasdair a miannachadh pìob a bhi aige, ach cha ghabhadh pìob fhaotainn ’san dùthaich, agus chosgadh e mòran airgid cur a dh’ Albainn ’ga sireadh, agus smaoinich e gu ’n deanadh e pìob dha fein. ’S ann mar sin a bha. Fhuair e fiodh agus tora, craicionn caorach agus linndeanan, ’s rinn e pìob ’s dh’ ionnsuich e a cluich. Faodaidh mi innseadh gur i cheud phìob a chuala mi-fhin riamh. Cha b’ fhada gus na ruith fathunn feadh na dùthcha gu ’n robh ceòl tiamhaidh na pìoba ri cluinntinn aig Loch an Fhuamhair. Agus ’s e bh’ ann nach biodh procession no election no pic-nic aig nach biodh Alasdair Bàn agus a’ phìob; agus neo-’r-thaing mur biodh e aig na bainnsean, a’ cur gach bodach is cailleach a dhannsa, agus iad a saoilsinn gun robh iad òg a rithist. Tha teaghlaichean eil’ ann bu deireannaiche a thainig am mach air an toir mi cunntas anns an ath litir. Ach faodaidh mi ràdh ma tha neach sam bith de luchd leughaidh MHIC-TALLA deònach seachdain no dha a chur seachad ag éisdeachd òrain Ghàilig, sgeulachdan, agus pìobaireachd, thigeadh e ’n so mu Nollaig, agus theid mise an urras nach bi ’n t-aithreachas air air son a shaoithreach. Is mi do charaid dìleas, AN TUATHANACH RUADH. IASGACH AN SGADAIN—Bha an uair glé stoirmeil ré na seachdain gu sònruichte ann an cuid do chearnan, ach anns an iar-thuath bha na h-iasgairean ro fhortanach. Air taobh siar Leòdhais fhuair iad meall mor éisg agus airgead gle mhath air a shon mar an ceudna. Tha e air a ràdh cuideachd gu ’n robh an sgadan mòr agus do sheòrsa math. Thainig bàtan o Bhuic rathad Leòdhais agus fhuair iadsan mar an ceudna toradh math air an saothair. Chuala sinn gu tric ann am bliadhnachan roimhe gu ’n robh na h-Eileanaich ’san iar aon chuid ’nan gealtairean air muir no nach robh bàtan mòr, làidir, ceart aca. Cha do chreid sinn riamh nach robh na h eileanaich cho dàna air muir riuthasan a bhiodh a’ tighinn o’n àird an ear; ach bha e soilleir nach robh aon chuid bàtan no lìn aca mar bh’ aig an fheadhainn eile. Tha cùisean air atharrachadh an diugh; agus tha e ’na thlachd gu ’m bheil soirbheachadh math co-dhiù air a’ bhliadhna so aig na h-iasgairean bochd anns an taobh tuath. Gu ’n robh buaidh is piseach le saothair an iasgair anns gach àite.—Oban Times, Mart 1. [TD 198] [Vol. 10. No. 26. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 195). urrainn mi-fhortan bu mho tighinn ’nam rathad-sa na tha air tighinn orm an diugh. Ochan! Noushatal, a thug sibh, ann thur mathas, dhomh mar mhnaoi gus a bhith maille rium ri m’ bheo, Ochan!” An uair a thuirt e so, leig e air gu ’n robh a chridhe air a lionadh cho mor le bron ’s nach b’ urrainn e ’n corr a radh, agus thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach. Thuig an righ air dhoigh eiginn gu ’m b’ ann a dh’ innseadh dha gu ’n d’ fhuair a bhean bas a thainig Abon Hasan, agus bha ’choltas air gu ’n do chuir an sgeul dragh air, agus thuirt e ris: “Gu ’n deanadh Dia trocair oirre; bha i ’na deadh shearbhanta, agus thug sinn dhut i a chum do dheanamh sona. B’ airidh i air a bhith na b’ fhaide beo.” An sin thoisich an righ fhein ri sileadh nan deur. Agus an uair a chunnaic Giafar agus maithean eile na cuirte Abon Hasan agus an righ a’ sileadh nan deur thoisich iad fhein ri sileadh nan deur mar an ceudna. Bha iad a’ caoidh gu ’n d’ fhuair Noushatal am bas am feadh ’s a bha i fhein gu slan, fallainn ’na sineadh anns an t-seomar, agus fadachd oirre gus an tilleadh Abon Hasan a dh’ innseadh mar a chaidh gnothaichean leis. (Ri leantuinn). Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha ’n ceartas ag àithne dhomh sgriobhadh a rithist a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, agus gus géill a thoirt do na nithean a tha air an gabhail a stigh ann an ceartas tha mi air an àm so a’ deanamh mar sin. Cha ’n ’eil fios agam gu ro mhath c’àit an tòisich mi air naigheachdan a thoirt seachad. Ma theid agam air greim a dheanamh orra tha gu leòr ann ma ’s urrainn dhomhsa am faotainn air an àm so. Tha agam ri innseadh gu bheil sinn air ar dùnadh am mach le sneachda mor o cheann deich làithean. Cha robh na ròidean air an dùnadh cho dona bho cheann mòran bhliadhnaichean. Tha ann an àiteachan torran mor sneachda, gun a bhi ’g innseadh nam breug, a tha coig troighean deuga a dhoimhneachd ann an glinn far am bheil e ’séideadh leis a ghaoith mhoir o’n a thainig an stoirm. Bha geamhradh againn an so cho briagha ’s a chunnaic sinn riamh gus o cheann da sheachdain, ach cha ’n urrainn sinn sin a radh a nis. Thainig bàs aithghearr air fear Niall Mac Eachainn air an latha ’n dé. Ghabh e bhraiceast cho math ’s a rinn e riamh, agus chaidh e mach gus an spréidh a bhiathadh, agus air dha tighinn a stigh do ’n tigh thilg e e-fein air sofa, agus bha e marbh ann am mionaid no dha. ’S e tinneas a chridhe a thàinig air. Cha chualas tinneas a bhi air riamh. Bha e mu leth-cheud bliadhna dh’ aois. Dh’ fhàg e bean agus teaghlach mòr gus a bhi ’ga ionndrainn, agus a mhàthair bhochd, a tha streap suas ri ceithir fichead ’sa deich. Tha so a leigeadh ris dhuinn cho furasda ’s a tha snàthlean caol ar beatha a bhristeadh, agus nach ann an so a tha ar n àite tàimh, agus gu ’m bu chòir do gach neach a bhi deiseil aig àm a theachd, oir thig e an uair nach bi sinn ag amharc air a shon. Chaidh Anna Nic Fhionghain ’adhlacadh air an latha ’n dé anns a bhaile so. Bha i tinn car ùine mhoir. Bha i fuireach leatha fein o chionn bhliadhnaichean, agus cha robh aire cho math aice ’s a dh’ fheumadh i. Bha cruinneachadh mor aig Comunn nan Gaidheal o chionn beagan sheachdainean ’s a’ bhaile bheag so, agus mar a bhios na Gàidheil daonnan, chaith iad an oidhche gu cridheil, sunndach. Bha moran de luchd-seinn á baile Toronto ann. Agus bha Iain Dughlach á Hamilton ann mar an ceudna, aon de na h-organizers aig a chomunn. ’S e fior Ghàidheal a th’ ann, aig am bheil a Ghàilig gu math, agus cha ’n ’eil e mor as fhein air son a bhith ’ga bruidhinn na ’s mò. Fhuair e gu leor dhi ann am Priceville. Tha sinn an dòchas nach bi an ùine fada gus an tig e rithist. Tha mi faicinn oran gasda bho Dhomhnull Mac Gillemhaol as an àite so ’sa MHAC-TALLA. ’S e fìor bhàrd a tha an Domhnull, agus tha sinn an dòchas gu ’m bi tuilleadh d’a obair ri fhaicinn anns a’ phaipear mu ’n ruith moran ùine. Tha sinn a cumail suas na Gàilig anns a’ bhaile bheag so cho math ri àite sam bith. Tha Maighstir Mathanach ’ga searmonachadh gach darna Sàbaid, agus mur tig daoine ’ga éisdeachd cha ’n ann aigesan a tha ’choire. Bha banais mhor aig Iain Mac Ille-dhuibh, Cléireach Township Glenelg, an là roimhe, nuair a phòs a nighean agus Dùghall Mac Cormaic. Tha sinn a guidhe sìth agus sonais do ’n chàraid òig anns an àm ri teachd. Cha ’n ’eil fhios gu dé thainig air Bodachan a’ Ghàraidh o chionn fada. Ma tha e beò agus gu slàn, fallain, bu mhath leinn cluinntinn uaithe ann an ùine gun bhi fada. Tha mi ’faicinn gu bheil MAC-TALLA dol do na h-uile cearna dhe ’n t-saoghal far am bheil Gàidheil, agus bu chòir dha bhi mar sin. Tha e nàrach do Ghàidheal a bhi faotainn mòran de phàipearan Beurla agus a bhi di-chuimhneachadh an aon phaipear Gailig a tha air a chur am mach air an t-saoghal. Cinnteach gu leor tha moran de Ghaidheil ann nach urrainn Gàilig a leughadh, ach is ainneamh teaghlach Gaidhealach anns an dùthaich anns nach ’eil fear an taighe no cuideigin comasach air a leughadh. Tha mi nis a’ dol a sgur, oir cha ’n ’eil e feumail litir tuilleadh is fada a sgrìobhadh aig an àm. Tha sinn an dòchas gu bheil am fear-deasachaidh an shlàinte mhath air son a bhi cur ugainn a phaipeir aig gach àm. Slàn leibh gus an cluinn sibh bhuam a rithist. Is mi ’ur caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Feb. 12, 1902. De Chuireadh Mulad Ort Latha Fo Bhainnse. (Sgeulaiche nan Caol.) IS minig a ghluais an ceum glé aotrom ris a’ phort mhearsaidh so, ’n uair a bhiodh cuideachd na bainnse a dol ’s a’ tighinn eadar an t-àite anns am biodh am pòsadh agus an t-àit anns am biodh a’ bhanais air a cluich, ged is minig a bha na mìltean de dh’ astar ri choiseachd aig a’ chuideachd. B’ aotrom a siubhladh iad, agus chluinnteadh guth an dràsd ’s a rithisd os cionn fuaim nan dos, a’ seinn, Ho ro ’s coma leinn co dhiù, Siubhlaidh shin car anamoch, Siubhlaidh sinn gu h-aotrom thar an fhraoich ’s a gharbhlaich, Siubhlaidh sinn gu h-inntinneach ’s na h-ighneagan a’ falbh leinn. Gu h-aotrom, uallach, iolagach, dh’ fhalbhadh an òigridh thar na monaidhnean, a’ cumail ceum ri pongan na pioba, agus cha bu ghnàth leis an aosda a bhi dad air deireadh air an òg ann am fealla dha ’s am fearas-chuideachd. An uair a bhiodh iad sgith a’ coiseachd, leigeadh iad an anail, le rìghle a dhannsadh aig lianaig réidh aig taobh an rathaid; agus cha bu chulaidh ioghnaidh le neach air bith ged a chitheadh e bodaich liath sgailceach a’ cur na smùid dhiubh a’ dannsadh ’s am boineit ’nan dorn. Ach air latha àraidh, am feadh ’s a bha cuideachd bainnse a’ dol seachad troimh na bailtean, agus Aonghas bàn pìobaire air an ceann, a cluich gu farumach—ach na ’m biodh fhios agadsa, Aonghais, gu ’m bheil leigeil agus togail do mheur air an fheadan a’ fàsgadh cridhe Màiri Dhùghaill, thuiteadh an gaothaiche as do bheul agus am feadan as do mheòir; ach cha ’n ’eil fios agad air dad de leithid—bha Màiri Dhùghaill a’ fritheal d’ a piuthar, ’s i air leaba a bàis; agus an uair a thachradh sin—’s cha bhiodh e fada, mar a chitheadh gach sùil a shealladh anns an aodann ud a bha cheana mar gu’m biodh e anns an anart—bhiodh Màiri gun phiuthair gun bhràthair, ged nach robh ach gann sia bliadhna o na bha ceithrear bhràithrean agus triùir pheathraichean aice. Agus aig an am sin, bha dùil aig gach neach d’ am b’ aithne iad, an uair a phosadh am fear a bha piob a’ bhainnse ’ga seinn air an là a dh’ ainmich mi, gur h-i Màiri Dhùghaill a bhiodh e toirt air bheul-thaobh a’ mhinistir; ’s cha ’n ’eil teagamh agam nach robh an gille féin aig an am ud anns a’ cheart bheachd. Ach an sin thàinig a’ chaitheamh ann a h-aon de theaghlach Dhùghaill, agus thug i bhàs; agus mu ’n gann a bha e fo ’n fhòid, bha e soilleir do gach neach, gu ’n robh a h-aon eile dhiù air an rathad cheudna; agus anns an dòigh sin, dh’ fhalbh aon an déigh aoin gus nach robh a làthair ach an dithis. Thionndaidh a leannan air falbh o Mhàiri, gun a ràdh c’ ar son, agus dh’ fhaoidteadh nach d’ thugadh an saoghal beum dha air son sin a dheanamh; agus cha robh neach ’san dùthaich a shaoil gu ’n robh Màiri Dhùghaill a’ caoidh a leannain. Ach an la chuala Màiri pìob na bainnse, cha deach i mach dh’ ionnsaidh an doruis, a shealltainn air a’ chuideachd a’ dol seachad: chaidh i sios gu taobh leapa a peathar; leig i i fein ann a cathair, agus chuir i ceann air uachdar an aodaich làmh ri a piuthair. Mhothaich a piuthar dhith, agus ’n uair a chaidh ceòl na pioba as an éisdeachd, shìn an té bha tìnn a làmh chaol snaighte a nall agus chuir i air ceann Màiri i, agus chniodaich i a falt. Bha ’n té aig an robh fios gle math nach robh moran làithean aice anns an t-saoghal so, a’ tuigsinn agus a’ faireachdainn ciod e cor a peathar, a bha i smaointean, aig a cheart am ud, aig an robh mòran d’ a saoghal air thoiseach oirre. Cha robh smid seanachais eadar an da phiuthair ré ùine; ach an ceann ghreis, thuirt an té bha tinn, “A Mhàiri.” Cha do fhreagair Màiri. Thubhairt i rithis, “A Mhàiri, tha am pathadh orm.” Cha do fhreagair ’s cha do ghluais Màiri. Thòisich a piuthar air caoineadh, agus chual a mathair i, ’s thàinig i nuas a ceann eile ’n taighe, “An ann ad chadal a tha thu, Mhàiri,” ars a mathair, “nach eil thu a’ cluinntinn do pheathar a’ caoineadh?” ’S ann ’na cadal agus ’na cadal trom a bha Màiri; cha chluinneadh i guth bròin no subhachais gu bràth anns an t-saoghal so tuillidh. Bha Màiri Dhùghaill marbh, ged a shaoil a càirdean agus a luchd-eòlais gu ’n do dhiochuimhnich i leannan a h oige, a h-aon leannan, bha e dearbhta gu leòir gu ’m faodadh ise a rádh mar a dh’ fhaodadh iomadh h-aon eile a rádh, roimpe ’s as a déigh, agus mar a chuir am bàrd anns na sreathan so: “Gu ’m bheil do chion-falaich Air m’ aire gach là, ’S mo spiorad fo phràmh ’ga ghiùlan.” Is mór am facal nach toill ’s a’ bhial. [TD 199] [Vol. 10. No. 26. p. 7] Oran Eadar an Sealgair is am Fiadh. LE FEAR STRATH-MHAISIDH. AN SEALGAIR. Dh’ eirich mi moch anns a mhaduinn Gu h-airtnealach, pràmhail, ’Dhireadh am mach ris a mhullach, ’S gur muladach ’tha mi Gun bhi ’san eideadh a chleachd mi, Ach mar bhaigeir Gallda; Cha ’n aithnich urad nam fiadh mi, ’S fiadhaich leo a dh’ fhàs mi. AM FIADH. So mar labhair fear nan cabar, Stad air t’ ais mar tha thu, A nàile bheirinn-s’ ort comhairl’ Mar choimhearsnach càirdeil; B’ fhearr dhuit fuireach aig a bhaile ’S air’ ’thoirt air do phàisdean, Na bhi ’n dùil gum meall thu mise Le d’ bhriogais, mo nàire! AN SEALGAIR. Ge math an t-eideadh a bhriogais, Cha b’ e sud a b’ fhearr leam; ’S mor gum b’ anns am feileadh preasach Gu deas air a chàradh. Chunnaic thusa sud orm roimhe, Ge coimheach an dràsd thu; ’S tric a thachair sinn air fuaran Shuas ud am Beinn Eallair. AM FIADH. Gur diombach mi air do chomhradh, Ge boidheach do chainnt ann; ’S gur buidheach mi air Righ Deorsa, ’Dh’ fhàg fo bhron san àm thu; Gun do bhreacan bhi air t’ uachdar ’Chumail fuachd nam beann dhiot; Ach slaodaire dubh de chasaig Am pasgadh gu teann ort. AN SEALGAIR. Nam faighinn-s’ thus’ agus Deorsa Comhla fo ’n aon làmhaich, ’S na tha ’dhaoine mor ’san rioghachd A bha diteadh Thearlaich, Ged nach toimhsinn troigh gu dilinn, Ach mo shith bhi ’m Pàras, Nàile thuilichinn mo phearsa Ri cur as duibh ’m màireach. AM FIADH. Cha ’n fhaigh thu sinne le ’cheile Anns a bheinn fo d’ làmhaich; ’S ma chluinnear gu bheil thu-fhein ann Theid t’ éigheach ’nad mheirleach. Ach nam b’ aithne dhomhs’ an rathad Rachainn do Bhruaich Mairi, ’Dh innse gu bheil gunn’ is breacan Agad-s’ air an àiridh. AN SEALGAIR. Air laimh do mhàthar, a ghealtair. Ge ladarna, dàn thu, Ma leigeas mi riut mo chuilain, Cha ’n urrainn thu ’fhàgail. Leig mi ’n eighe ris a ghille, ’S leig e nimheis bhàn ris, ’S cha do mheall i mi ’nam bharail, Ghrad chuir i gu bàs e. Bruach-Màiri, Fort-William, Gearasdan Ionar-Lochaidh. SEAMRAG. Oran do Bhonipart. LE DOMHNULL DOMHNULLACH, AM BARD CONANACH. Latha soilleir samhraidh dhomh, Air cabhsairean Dhun-éideann, Gu ’m faca mi na brataichean A lasadh ris a ghréin ann, Chuala mi na gunnaidhean, Is dh’ fhuirich mi g’ an éisdeachd, ’S mac-talla bh’ anns na creagan A’ toirt freagairt dhaibh le éibhneas. ’Nuair sheall mi air gach taobh dhíom Feadh na dùthcha fad ’s bu léir domh, Bha ceol ’s na h-uile taigh a bh’ ann, ’S tein-aighear air na sléibhtean, O’n chualas anns na Gàsaidean ’S gach àite bhi ga leughadh, Gun deach’ an ruaig air Bonipart ’S an onair aig a Ghreumach. ’S lionmhor bratach Albannach, Tha ballach, balla-bhreac, boidheach, Tha eadar a chrioch Shasunnach Gu ruige taigh Iain Ghrota, Fir laidir, shunntach, thogarrach, Nach ob a dhol an ordugh Gu dol an coinneamh Bhonipart, Chuir onair air righ Seoras. C’ àite ’m biodh na h-Albannaich, Daoin’ uaisle calma, treubhach, Fir shunntach, shanntach, thogarrach, Na seoid nach obadh eiridh; Ach o nach fiù laimhe leo Do bhàs a thoirt le treun-bheirt, ’S ann thilg iad air sgeir thràghad thu, ’S gu ’m bàsaich thu chion béidh ann. Ach ’s beag leam sud mar phianadh ort, ’S a mhiad sa rinn thu dh’ eucoir, Ach léir-sgrios nan deich plàighean A bh’ air Phàroh anns an Eipheid Gu ’n laidh iad air do chraiceann, Ga do shracadh as a chéile, ’S gu ’n cluinnt’ air falbh deich mil’ thu, Is mi fhin a bhi ga t-éisdeachd. ’S tu chaill do nàire, ’nuair A bha thu ann an dochas Gun leigeadh sinn do Shasuinn thu, Ged ’ghlac thu bhuain Hanobher; Ach cuiridh sinne dhachaidh thu, ’S seachdnar air do thoireachd, ’S mur toir thu grad do dhaoine leat Cha ruig a h-aon diubh beo thu! Nach saol thu nach bu ladurn’ dhut ’Bhi bagairt air righ Deorsa, An cual thu fear chuir aodainn air Nach daor a phàigh e ghoraich’, Ged a choisinn ainneart dhut An Fhraing a chuir fo t-ordugh, ’S e t-amhaich a bheir dioladh ann Le tobha sniobhta corcaich. ’Nuair thig am Morair léibhteach ort, ’S na ceudan de Chlann Domhnuill, Mar sud is Mac-’Ic-Alasdair, Ghlinn-garaidh agus Chnoideirt, ’Nuair thogas iad am brataichean, ’S an gaisgich a chuir comhladh, O, c’ àit’ am faod thu t-fhalach orr’ Mar sluig an talamh beo thu! Ma chi iad aona bhaoisgeadh dhiot, Bidh greim ac’ air do sgornan, ’S cha ’n ’eil de dh’ eich no dhaoin’ agad Na shaoras tu bho ’meoirean; Ged dh’ eireadh na deich legonan ’Bh’ aig Ceasar anns an Roimh leat, Cha ’n fhaothaich iad air t-amhaich As na lamhan aig Clann Domhnuill. Nuair thig Mac-Choinnich Bhrathain ort Le cheathairn’ de dhaoin’ uaisle, Sud a bhratach aigeantach, Le cabar an daimh ghruamaich; Cha tàr thu na bheir pilleadh orr’ A chruinneachadh mu ’n cuairt daibh ’Nuair ruigeas fir Chinn-tàile Co an geard a chumas bhuath thu? ’Nuair thig an cinneadh Frisealach, Tha fios gur daoine borb iad, Gu ’n rachadh iad tromh theine Le Mac-Shimidh mor na Moraich, Cha tàr thu na bheir pilleadh Air na fir ud ’nuair bhios colg orr’, ’S ged rachadh tu fo ’n talamh ’S e mo bhareil gu ’m bi lorg ort. ’Nuair a thig Mac-an-Toisich Le sheoid ort a Srath-Eireann, Mar sud agus fir Chluainidh, Is iad uil’ an guaille ’chéile; Ma gheibh an cat na chrubhan thu, Le dhubhannan beag’ geura, Ged bhiodh càch air bheagan dhiot, Bidh aige-sa chead féin dhiot. (Air a leantuinn air taobh 200.) ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Sidni, C. B. Phone 217 Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 200] [Vol. 10. No. 26. p. 8] Oran do Bhonipart. (Air a leantuinn o thaobh 199.) Tha Clann-an-Ab’ a bagairt ort, ’S iad o cheann fad an deigh ort, ’S ma gheibh iad ann am fagus dut, Gur grad a bheir iad leum ort, Bristidh iad do bhrataichean Na spealtan as a chéile, ’S bidh tug an sin na d’ starsaich ann Fo chasan nam fear gleusda! Tha Gordonach an toir ort, ’S cha ’n ’eil beo na ni do thearnadh ’Nuair dh’ eireas Morair Hunndaidh, Le fhearaibh ionnsaicht, làidir, O’n ’s e fein a’s coirneal, Air na seoid ga’m buin buaidh-làrach: ’S e chanas sinn gu bitheanta An da fhichead a’s na dhà riu. Ach cuimhnich thus a cheathairne Chuir latha Fontenoi, ’S a sheasadh anns an àraich, Is càch a chuir air fogar; Chi thu nis san Fhraing iad Fo chomannda Mhorair Gordon; ’S e ni do lamhsa ’dh’ fheum dhut, An réusar chuir ri d’ sgornan. Tha Rosaich agus Rothaich, ’S iad ro choimheach dhut le chéile, Ma gheibh iad ma do chomhair Gabh mo chomhairl’ ’s thoir thu féin as. Ach ma chi thu ’m firean Tigh n le sgriob ort as na speuran, Na gheibh i ann na crubhanan Grad luthaig oirre féin e. ’Nuair chruinnicheas na gaisgich Thig bho Apuinn-Mhic-Ian Stiùbhairt, Sliochd nan righrean Albannach, Da ’n tig na h-airm a rùsgadh, Co bheireadh tàire dhaibh Nach faigheadh pàigheadh dùbailt! ’S ma gheibh iad ann an sàs thu, Gu bràth cha ’n fhaic thu d’ dhùthaich. ’Nuair chruinnicheas Clann-Fhionghain Cha shòr a dol ’san ùspairn, ’S mithich dhut bhi tiomnadh Nuair tha ’n t-iomraidh iad a dùsgadh; Ma dh’ eireas dhut gun tachair sibh, ’S gum faic iad thu le ’n sùilean, Sid na fir a chaitheas Anns an adhar na do smùid thu. Tha Caimbeulaich cho naimhdeil dut, ’S iad sanntach air do mharbhadh, An dùic tha ’n Earraghaidheal, Agus morair ard Bhraid-Albann: C’ àit am beil na thearnas tu, ’S na h-àrmuinn ud a sealg ort? ’S ceart cho math dhut fàladair A chàradh ri do shealabhan! ’Nuair a thig Clann-Ghriogair ort, ’S neo-chliobach a chuir ruaig iad, ’S fir iad nach gabh pilleadh Le teine no le luaidhe, Le ’n gairdean laidir, smiorail, ’S le lannan biorach, cruadhach, ’S ma chi iad fad na h-oirleich dhiot, Cha bheo na chumas bhuat iad. Thig Siosalaich Srath-ghlas ort Na ’n lasgairean mu ’n cuairt dhut, Le lannan geur a chinn-aisnich Tarsuinn air an cruachan: ’Nuair thoisicheas na gaisgich ud Air tarruinn as an truaillean, Chi thu do chuid brataichean G’ an sracadh ma do chluasan! Thig Mac-Gilleain Dhubhaird ort, ’S gur subhach ni e greim ort, Le ’dhaoine làidir, lù-chleasach, Nach dhiùlt a là no dh’ oidhche: Ni iad sin do sgiùrsadh-sa Gu cùil an àite slaighteir, ’S theid thu air do ghlùinean daibh, Nuair chi thu gnùis an saighdear. An sin thig ort na Camshronaich, Fir laidir, ainmeant, eolach, Do thaobh Lochial a’s Arasaig, Is caisteal Inbhir-Lochaidh; ’Nuair a thig na saoidhean sin Bu mhath gu straoiceadh feola, Cha mheas air pronnadh mhullach iad, ’S bu ghnath leo fuil a dhortadh. Thig Mac-Neill á Barraidh ort, Le ’dhaoine fallain, fìnealt, Daoine bheir, a fichead dhiubh, Bristeadh as na mìltean; Baoisgidh iad mar dhealanach, Ri oidhche shalach dhìle, ’S mu ’n teid thu ceart na t’ fhaireachadh, Bidh ainneart mara ’s tìr ort. Thig Clann-an-t-Saoir a Cruachan ort, Na fir ’s an ruaig nach diobradh, An àm dol anns an chabhaig, Sud na gallanan nach pillteadh: Sliochd nan Gàidheal cruadalach, Bu dual daibh a bhi dileas, Gu dol an coinneamh Bhonipart ’Chuir onair air an rioghachd. Nuair chruinnicheas Clann-Fhiunnlaidh, Na fir shunntach tha gun eislean, Bheir iad thu gu cunntais As na dh’ ionnsaich thu de dh’ eucoir; C’ àit’ am beil de Fhrangaich Na cheannsaicheas le streup iad? ’S gun tugadh iad gu ciosnachadh Na miltean leis na ceudan. Thig fathast Diùc Mhontrois ort, Le ’fhearaibh mor an deigh ort, ’S ann an sin thig an doruinn ort ’Nuair thoisicheas na Greumaich, ’S an t-aon fhear tha ri t-aodainn, ’S e daonnan cuir retreat ort, Cha ’n fhad gu ’m bi do cheann aige Ri crann, ma ’s e thoil fein e. Guidheamaid buaidh-làrach Leis na Gàidheil anns gach teugbhail, Toil-inntinn aig ar càirdean, ’S gach nàmhaid a bhi géilleadh. Mar chuala mis’ a chaiseamachd Bha taitneach leam ri éisdeachd, Air latha soilleir samhraidh ’S mi air cabhsairean Dhun éideann. Iadsan a Phaigh. Mairi Stevenson, Shipka, Ont. U. I. Domhnullach, Medicine Hat, Assa. Amhlaidh Mac Gilleain, Glascho, Alba. Calum Mac Aonghais, Kaurihohori, N. Z. Iain Mac Calamain, Rudha Phrim, E. P. I. Iain I. MacLeoid, Beinn MhicMhanainn, E. P. I. A. Beuton, Muileann a Bheutonaich, E. P. I. Iain N. Mac Leoid, Orwell, E. P. I. D. A. Stiubhart, Stewartsdale, N. Dakota. An t-Urr R L Domhnullach, Brook Village M. G. Mac-a-Phearsain, Ceap Nor. Mairi A. Nic Isaic, Broad Cove. Padruig Mac Fhionghain. Kewstoke. Micheal M. Mac Isaic, Bridgeport. Domhnull I. Mac Fhraing Mabou. Alasdair Domhnullach, Antigonish. Aonghas Mac Isaic, Halifacs. Iain Mac-a-Phearsain, Highlands, Nfld. M. R. Johnston, am Pon Mor. Bas. Air an fhicheadaibh latha de Februaraidh chaochail bean Dhonnachaidh Mhic-Gille mhicheil ann a Hogamah. Cha robh i tinn ach beagan lathaichean. Bha a bàs aithghearr glé chruaidh air a companach is air a cuideachd, agus na naigheachd dhuilich le a luchd-eolais. Rinn triùir dhotairean na bha na ’n comas air a son, ach thainig an teachdaire g’a h-iarraidh do shaoghal a b’ fhearr. Bha i na boirionnach diadhaidh, fo mhor mheas aig na h-uile chuir eolas oirre, ni a nochd iad gu soilleir air la an adhlacaidh, oir b’ e a torradh an cruinneachadh dhe ’n t-seorsa bu mhotha chunnacas riamh ann am paraisde Hogomah. Bidh i air a h ionndrainn, cha ’n e mhàin ’san dachaidh, ach ’sa pharaisde. B’ e a h-aois leth-cheud bliadhna ’sa coig. Dh’ fhàg i coignear chloinne—triùir mhac i agus dithis nighean. Tha co fhaireachdainn an luchd-eolais aca ’nan trioblaid; ach leasaichidh e am bron gu bheil barantas làidir nach robh dhi anns a’ bhàs ach teachdaire sìth’ ga ’gairm gu dùthaich a b’ fhearr. “Fathast tamull beag is ruigidh sinn An calla ait fa-dheoidh, ’S an coinnich sinn na sgaradh uainn, ’S cha dealaich sinn ni ’s mo.”—Com. Na dean Mearachd Rubbers DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR air na prìsean a’s ìsle ann an —STOR— REDDEN, Ross Block, Sidni. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., —LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir-Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .30 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 How to Read Gailig, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan.(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis: TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. [TD 201] [Vol. 10. No. 27. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUINN, DI-HAOINE, AM MART 28, 1902. No. 27. Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. I. SEALLADH AIR IAIN MOR—NA TEACHDAIREAN—AN CEO AGUS AN UAMHA. CLUINNIDH sinn glé thric daoine ’g ràdh, air dhaibh a bhith ’cluinntinn mu chall, no gearain sam bith o charaide, “’S iomadh call bu mhotha bha ’n Cùilfhodair.” Bha iomadh call mor da rireadh do dh’ iomadh neach air an t-sliabh fhuilteach, ainmeil sin, agus thainig crìoch obann air beatha agus dòchas iomadh laoch òg treun Gàidhealach. Cha toir sinn iomradh an so air call na treubh rioghail sin a dh’ aobharaich an t-strìth, oir aig an àm so a sealltainn air ais, tha e duilich a ràdh co dhiubh bha gus nach robh e cho math do Bhreatunn mar ’thionndaidh cùisean am mach. Ach, co dhiubh, bha agus tha e ’na aobhar ioghnaidh do sheanachaidhean anns gach àite, mar a chuir baidein do shliochd nan Gàidheal crith air Sasunn mhor, agus a sguab ’s a sgiùrs iad a cuid armailtean anns gach àr ’n do bhuail iad. Chaidh iomadh eachdraidh a sgrìobhadh mu chogadh a’ Phrionnsa, agus mar sin fàgaidh sinn an còrr aig breitheamhan is fhearr a rannsaich a dha thaobh. Ach tha aon ni cinnteach, agus ’s e sin, gu ’m biodh aghaidh eile air eachdraidh Bhreatuinn an diugh nan robh na Gàidheil air seasamh ri guaillean a chéile agus Thearlaich air sliabh Chùilfhodair an lath’ ud. Ach cha b’ ann air son cladhach ’s na cuspairean domhain so a thòisich sinn air an sgeul so, ach air son fear no dithis de na gaisgich a phàrtaich ’san t-strìth a leantuinn car tacain, agus aithris cho math ’s a dh’ fhaodas sinn mu na buillean cruaidhe ’fhuair, agus gu h-àraidh a thug iad seachad. A nis, le so a ràdh, bheir sinn an t-sreang bhar a phoca. Bha Iain Mór nan Ord a comhnaidh ’s a Ghlean Ghorm, gleannan bòidheach, aonaranach, am measg nam beann, an cearn’ àraidh de Ghàidhealtachd Alba. Mar a dh’ ainmich sinn bha ’n t-àit’ aonaranach, ’s mar sin mur toireadh Gilleasbuig beag (do ’m b’ ainm Cas-an-t-siubhail) sgeul no naigheachd uca, bhiodh luchd-àitich a Ghlinn Ghuirm iomadh uair ùine mhor gun ghuth no iomradh a chluinntinn air cia mar a bha ’n saoghal mor a bha g’ an cuartachadh a faotainn air adhart. Bha Iain Mór mu dha fhichead bliadhna ’s a coig ’s an àm, agus gun phòsadh. Bha Morag, nighean peathar dha, a cumail an taighe, agus a cumail Iain, mor ’s mar a bha e, cho sgiobalta ris an fhear bu lugha ’s a ghleann. Cha ruig sinn a leas iomradh a thoirt air caoimhneas luchd-àitich a Ghlinne—fòghnaidh a ràdh gu ’m bu Ghàidheil iad—ach bha dorus Iain Mhóir na b’ fhosgailte air choinneamh a choigrich, agus a bhòrd na bu chuibhrigte na aon eile ’s an àite. Cha b’ ann a thaobh ’s gu ’n robh e na ghobha ’fhuair e ’ainm, ach a thaobh ’s gu ’n robh e ainmeil air neart, ’s gu h àraidh air caitheamh an ùird mhoir. Ged a fhuair Iain ’àrach ’s a ghleann, agus ged a a bha ’chipean buailte nis ann, shiubhail agus chunnaic e barrachd dhe ’n t-saoghal na fear eile ’san àite. Chunnaic e cogadh agus gàbhadh, agus mar mhaighstir claidheamh bha e cho math ’na aonar ri deagh reiseamaid. Bha e ’na dhuine fuasach mor, trom, ’s gun unnsa ’bharrachd de dh’ fheoil air a chnàmhan, agus bha e cho leithinn ’s na guaillean ’s gur ainneamh dorus air an rachadh e ’stigh gun tionndadh air oir. O’n a fhuair sinn beagan eòlais air Iain Mór, fàgaidh sinn e car tiotaidh agus suidhidh sinn air taobh eile na beinne feuch an aithnich sinn an dithis a tha tighinn tarsuinn na mòintich ’s an aghaidhean air a Ghleann Ghorm. ’S e feasgar gruamach, fuar ’s a bhliadhna 1745 a th’ ann. Tha dithis dhaoine ri ’m faicinn a triall le ceum lùthmhor tarsuinn na mòintich suas o Ghleann Seid. Guala ri guala tha iad gu sunndach a leum o ghnoban gu gnoban, agus tha e furasda ri fhaicinn gu bheil iad a tighinn thairis air cuspairean cudthromach, aig cho faiceallach ’s a tha iad mu ’m briathran, ged nach ’eil duine beò, cho fad ’s is fhiosrach iad, na ’s fhaisge na mìltean dhaibh. Tha iad le cheile ’s an éideadh Ghàidhealach, agus fo làn armaibh, agus tuigidh sinn o ’m briathran gur athair is mac iad. “Tha eagal orm, athair,” ars’ am fear a b’ òige, a bha mu ochd bliadhn’ deug a dh’ aois, “nach ruig sinn an Glean ri Gorm a nochd. Tha ’n oidhche gu bhi againn, ’s an ceò a tromachadh. Am bheil sinn fad as a nis?” “Tha deich bliadhna o nach robh mise ’s a Ghleann Ghorm,” ars’ an t-achair, do ’m b’ ainm Domhull Stiubhart, no Domhull Ciar nan Lann ’s e gu cumanta theirteadh ris, “ach tha mi ’smaointean, Eachuinn, nach coir dhuinn a bhi fad as a nis.” “Is docha nach e taghadh na taing a gheibh sinn o Iain Mór air son ar teachdaireachd,” ars’ Eachunn. “Na ’m biodh tusa cho eolach air Iain Mór riumsa cha chanadh tu sin. ’S iomadh gàbhadh agus cunnart ’san robh Iain Mór còir agus mise roimhe, agus a nis na ’n rachainn am mach le Tearlach gun bhrath a thoirt dha cha toireadh e mathanas gu bràth dhomh.” “Cha ’n fhaic sinn a ghnùis a nochd co dhiubh a réir choltais,” ars’ an t-òganach; “tha ’n ceò m’ar cinn, agus cho tiugh ’s gur gann a ghearradh claidheamh Iain Mhóir fhein e, ’s mur a bheil mi air mo mhealladh bidh e na ’s miosa.” Ann an ùine ghoirid cha bu leir dhaibh am fad fhéin air thoiseach orra, ach air a shon sin chum iad air adhart cho math ’s a dh’ fhaodadh iad. Ach, mo chreach, dh’ aithnich Domhull Ciar an ùine ghearr gu ’n robh iad air chall ’sa mhòintich choimhich, fhuar, làn sgios agus acrais, agus oidhche fhada, aognaidh air thoiseach orra. An ùine ghearr cha robh fios aca co ’n taobh dhe ’n t-saoghal air an robh ’n aghaidhean, ach gun dàil thòisich iad air direadh beinn chas, gharbh, a bha sior fhàs na bu ghairbhe mar a bha iad a dol air adhart. An uair a bha iad ùine mhor a direadh ’s a tearnadh mar so gun ghuth eatorra, sheas iad air son an anail fhaighinn, agus a dh’ éisdeachd, ’s iad air smaointean gun cual’ iad gluasad no monabur bruidhne dlùth dhaibh am measg nan creag. “Cha ’eil ann ach fuaim na gaoithe ’san fhraoch,” ars’ Eachunn, “no ma dh’ fhaodteadh caora ’cnamh a cìre dlùth dhuinn. ’S fhearr dhuinn cumail a dol, feuch am faigh sinn leaba ’s fhearr na so gu maduinn.” Ghluais iad air falbh—ach mar an dealanach bha iad air an cuartachadh le seisear cheatharnach, a leum am mach as a cheò ’s as an dorchadas, ’s am prioba na sùla bha iad air an ceangal gu teann, cruaidh, agus cearb d’ an bhreacan air a shuaineadh mu ’n cinn, mu ’n d’ fhuair iad guth a ràdh as an leith fhein. So seachad, gun ghuth taobh seach taobh, bha Domhull Ciar nan Lann ’s a mhac air an giùlan gu sàmhach suas a bheinn. Cha toir a ràdh gun do ghabh iad eagal seachad, ach gle fhaoin, staid an inntinnean, agus a thaobh gun robh iad car giosragach, mar a bha iomadh aon ri ’n linn, bha iad a smaointean leis cho balbh ’s a thachair gach ni gu ’m bu spioradan a bha ’n so, a bha g’ an giùlan thun an t-saoghail eile. Cha robh iad fad’ air am fàgail an teagamh co ’n saoghal d’ am buineadh iad, oir an deigh astar mor a dheanamh, air rathad gu math garbh am measg chreag is bhearraidhean, chaidh an tilgeil le gleadhar air an talamh aig bonn sgalla mhor ghlas. Leis an aon sùil a bha ris aige, chunnaic Eachunn fosgladh dubh a stigh fo bhonn na sgalla, agus a réir an t-soluis mhùgaich a bha ’tighinn am mach, bha ’n uamha ’dol astar [?]tigh fo ’n bheinn. Aig beul na h-uamha so bha seann duine glas na shuidhe a dh’ fhàiltich na ceatharnaich a ghlac iad gu cridheil. “Tha iad agaibh, ’illean!” ars’ esan; “is math a fhuaras sibh! Ach cha toir sinn am mach am binn a nochd: tha i anamoch, agus is cinnteach, ’illean, gu bheil sibh sgìth agus acrach le giùlan nam brathadairean; ach tha rud fhathast ’sa phige a dh’ fhuadaicheas an ceò as ur bràigheannan agus an sgios as ur cnàmhan. Tilgibh a nochd iad,” ars’ esan, ’s e cur car de Dhomhull Ciar le ’chois, “do dh’ Uamha ’Chinn Deirg, far an guidh sinn bruadair shona dhaibh gu maduinn!” Air do na fir òga ’bhi g’ an togail air falbh, chunnaic Eachunn sealladh air aghaidh nighinn òig, ’bu bhoidhche chunnaic sùil riamh, na seasamh am beul na h-uamha ag éisdeachd ris gach ni. Ach chaidh an giulan air falbh mu ’n d’ fhuair e sealladh ceart oirre, agus an giulan gu uamh eile, far ’n do dh’ fhàgadh iad a stigh fodh ’n bheinn an dorchadas iomallach, aognaidh. Faodar smaointean an dithis a thuigsinn na ’s fhearr na theid againn air innseadh. Lan acrais agus pathaidh, air an ceangal gu teann, cruaidh, gun chomas éirigh bhar urlar fliuch na h-uamha aognaidh, anns an robh àileadh iongantach marbh a bha gearradh an analach. Fhuair iad an aodainn ris mu dheireadh, agus fhuair iad tarrainn dlùth da chéile air uachdar torr de fhraoch garbh, cràsgach, nach robh idir ro chomhfhurtail, ach a bha na bu roghnaiche leotha na ’n t-urlar fliuch. A bruidhinn beag ri cheile cha d’ thainig iad gu co-dhùnadh sam bith mu dé seorsa dhaoine bha fuireach na leithid de dh’ àite, no idir car son a ghlac iad iad, no ciod a bha iad a dol a dheanamh riutha ’s a mhaduinn. Bha iad sàmhach ùine mhor, gus mu dheireadh ’n do thòisich noradaich chadail ri tighinn air Domhull Ciar le sgios is uidil an latha. Bha ’n òige aig Eachunn, [TD 202] [Vol. 10. No. 27. p. 2] agus mar sin comasach air uidil a sheasamh na b’ fhearr. Bha na smaointean aige gu math luasganach, mar is dual do ’n òigridh a bhith, agus bha e gu tùrsach ag amharc air ais air an reis ghearr a chuir e ’san t-saoghal, ’s na bha dùil aige aon uair a dheanamh ann. Agus a nis, agus a nis, am b’ e ’n uamha dhorch’, aognaidh so crìoch gach dòchais—a bheatha òg a mhùchadh ann mar lòchran a chuirteadh ’san uisge. Mar a bhios an òige daonnan cuideachd buailteach air a bhith teith no fuar na ’n smaointean, thionndaidh inntinn Eachuinn bho amharc thairis air a chrìch tha eadar beatha agus bàs, agus bha e le tlachd a smaointean air an aodann bhòidheach a chunnaic e ’m beul na h-uamha, agus ag ràdh ris fhéin gu ’m fàgadh e slàn aig an t-saoghal’s an uamha fhein na bu toilichte na ’m faigheadh e aon sealladh eile dhi. Bhiodh e nis seachad air a mheadhain-oidhche, no uair mharbh na h-oidhche. Air dha bhith smaointean mar so, shaoil leis gun cual’ e gluasad no faragradh air choireiginn an cearn iomallach de ’n uamha. Chuir e car dheth fhein, agus dh’ éirich fhalt air a cheann agus thainig falus fuar troimhe, air dha solus fhaicinn a dannsadh ’s an àite agus a sior tharruinn na bu dlùithe dha. Ach o eagal gu toileachadh leum aigne ’n òganaich, air dha ’ghnùis bhòidheach air an robh e smaointean fhaicinn os a chionn—maide giubhais na theine na ’laimh a bha deanamh an t-soluis, agus cuach de bhiadh ’s an laimh eile. Leum cridhe Eachuinn le aoibhneas air dha ’faicinn, agus bha e dol a bhruidhinn, an uair a chuir i ’meur air a bilibh, a toirt sanais dha a bhi sàmhach. Gun ghuth a ràdh chuir i ’chuach air an urlar, agus thug i sgian á luib a bhreacan a bha m’ a guaillibh, agus an tiotadh dh’ fhuasgail i Eachunn. “A nis,” ars’ ise, dùisg an seann duine, ’s ma tha sibh air son ’ur beatha shabhaladh cuiridh sibh mìltean eadar sibh fhein agus Uamha ’Chinn Deirg mu ’n tig an latha. Gheibh sibh ’ur n-airm aig dorus na h uamha, ’s gheibh sibh am mach leis an t solus so, ’s bheir sibh leibh am biadh.” Le so a ràdh bha i tionndadh air falbh, an uair a rug Eachunn air laimh oirre, agus thubhairt e, “Ach, a chaileag mhaiseach, cha ’n urrainn mi do leigeil air falbh mar so. Innis dhomh co dhiubh t ainm, agus c’ar son a ghlacadh sinn na idir c’ar son tha thusa ’deanamh so air ar son?” “N a bi ’ga m’ chumail,” ars’ ise, “mu ’n ionndrainn m’ athair ’s mo bhràithrean mi. Ach innsidh mi so: Chaidh ’ur glacadh mar naimhdean a bh’ air son ar brath. Ach fhuair mo bhràithrean am mach gu ’n robh sibh mu ’n cuairt a feuchainn ris an t-àite so fhaighinn, ’s mar sin bha sùil aca ’mach air ’ur son. Ma ’s naimhdean sibh cha ’n ’eil fios agamsa, ach tha fios agam nach creid m’ athair sibh, ged a rachadh sibh as àicheadh, ’s mar sin cha b’ urrainn mi cadal le smaointean, ged bu naimhdean fhein, sibh air ’ur crioch ’s an àite so.” “Ach,” ars’ Eachunn— “Na bi ’ga m’ chumail,” ars’ ise; “agus na bi ’call ùine phrìseil.” Thainig an sin fiamh gàire oirre. “Cha chreid mi,” ars’ ise, “gur nàmhaid thusa co dhiubh; is toigh leam do choltas! Beannachd leat! ’S an uair a bhios tu fad’ air falbh cuimhnich corra uair air Maili na h-uamha!” Le so a ràdh chaidh i á sealladh. (Ri leantuinn). An rud a bhios sàmhach cha chluinn na luchain e. Am fear a ’s mò a gheabh, ’s e a’s mò a dh’ iarras. An dubh-liath cuid an amadain, ’s a’ sgamhan cuid na h-òinnsich. Domhnull Mac Thormaid agus Leanabh Sithe Cnoc-a’-Chuilinn. LE NIALL MAC LEOID. BHA nis bho chionn iomadh bliadhn’ air ais, duine còir ris an canadh iad Domhnull Mac Thormaid, agus Seònaid ruadh a bhean, a’ chomhnuidh ann an aon de ghlinn na Gàidhealtachd. Bha an taigh aig Domhnull ’am braighe a’ ghlinne, faisg air creig mhoir ri uchd na beinne, far nach robh ni gu bristeadh a stigh air a shuaimhneas agus air a shìth ach toirm na h-aibhne, a bha le ceuman mall, agus le cronan tiamhaidh a’ gabhail seachad sios fo ’n dorus aige, agus ceilearadh binn nan eun, a’ seinn le sòlas, mu bhun nam preas, agus mu bharr nan dos, air na bruachan os cionn an taighe aige. Ach bu tric a bha e air a dhùsgadh an àm na dùbhlachd, agus nuallan na gaoithe a séideadh le bùirein ri mullach nam beann agus nan creag, a chum am bathais, gun eagal gun fhiamh, ri aghaidh sion agus gaillionn nam mìltean geamhradh. Cha robh anranach a thigeadh thar muir no monadh nach b’e ’bheatha aig Domhnull Mac Thormaid; bha daonnan a dhorus fosgailte, agus a bhord fialaidh do gach coigreach agus fear-fuadain a thigeadh na rathad. Bha aige mar sin moran de dheadh thoil dhaoine, maille ri riarachadh a choguis fein gu ’n robh e ’deanamh ceart. Ach an deigh sin uile, mar a thachair do gach neach fo n ghréin, cha robh Domhnull gun a “chamadh ’s a’ chrannchur;” aon ni gu h-àraidh a bha cur gruaim air inntinn, agus neul dorcha mu ’n teallaich aige, agus b’ e sin e ’bhi gun sliochd. Bhiodh e daonnan a’ caoidh ’s a’ gearan nach do chuir an Freasdal duine cloinne air, a dh’ aisigeadh ainm agus eachdraidh a shinnsir sios do ’n ghinealach a bha gu teachd ’n a dheigh. Bha creideamh làidir aig Domhnull anns na daoine-sìthe, agus ’n an gniomharan iongantach am measg chlann nan daoine. Cha ’n ’eil teagamh nach do chuidich uaigneas ionad-comhnuidh, maille ris gach dearbhadh a fhuair e bho ’shinnsir, agus bho sheann daoine, ann a bhi daingneachadh a chreideamh ann am feartan agus cleachdadh ’nan sìthichean. Ach gu bhi tighinn ni ’s faisg’ air ceann an sgeoil; ciod e ’tha agad air, ach gu ’n robh am Freasdal fàbharach, ’s gun robh sùil ri coigreach beag an tigh Dhomhnuill. An dùil ri so dh’ fhàs Domhnull aotrom, sunndach. Cha robh smeòrach air geig no uiseag air lòn cho binn fead ri Domhnull, moch is anmoch, le dochas laidir ri oighre òg. Agus cha robh e air a mhealladh; oir oidhche dhe na h-oidhcheannan ’n uair ’thainig e dhachaidh bho iasgach, agus a shuidh e ri taobh an teine, thainig a bhean-ghlùine ’nall bho thaobh na leapa air an robh Seonaid ’n a laidhe, agus chàirich i leanabh gille ann an gàirdeanan Dhomhnuill, cho tlachdmhor ’s air an do dhearc sùil duine riamh. Cha ’n ’eil teagamh nach robh cridhe Dhomhnuill air a thogail le so, agus bha bhuil; cha deachaidh moran fois air an t-slige-chreachain car latha no dha; agus bha iomadh bodach is cailleach ’s a ghleann aig nach robh fios gu ro mhath co dhiubh a b’e an ceann no ’n casan a bha gu h-àrd dhiubh, ag òl deoch-slàinte, agus ag guidhe saoghal fada agus sonas do Thormad beag. Bha nise gach cùis a’ dol air aghaidh gu math. Cha robh neul dorcha air speuran Dhomhnuill air nach do chuir Tormad beag an ruaig. Ach mo thruaighe! bha latha faisg air laimh a thug buille-’bhàis do gach bruadar faoin agus dòchas diomhain a bha Domhnull ag altrum a thaobh Thormaid bhig. Air latha tioram, fuar, ’s Domhnull agus Seònaid ag obair a mach ’s an achadh, dh’ fhàg iad caileag òg a thoirt an aire air a’ phàisde. ’N uair a chuir i ’chadal ’sa chreithil e, chaidh i car greis a mach ’ga cluiche fein. Agus ’n uair a thill i dhachaidh ’s a sheall i ’s a’ chreithil, an àite an leinibh laidir, reamhar, thlachdmhor a dh’ fhàg i ’s e bh’ aice tacharan beag, caol, glas, a chuireadh eagal air an dearg mheairleach. ’N uair a chunnaic a’ chaileag mar a bha, dh’ éigh i na creachan, ’s bhuail i na basan, thug i mach thun an raoin a dh’ iarraidh athair agus mathair an leinibh. Ma thug, “chaidh an ceol air feadh na fidhle.” “Siream sios, siream suas, Cha robh ball de Ruairidh agam.” Cha robh fios an e ’n talamh a shluig, no ’n e ’n t-adhar a thog Tormad beag; ach aon ni ’bha cinnteach, agus ’s e sin nach b’ e a bh’ anns a’ chreithil. ’N uair a chaidh crioch air iarraidh Thormaid bhig agus clos air an taigh, smuainich Domhnull gu ’n tugadh e sùil air an fhleasgach neònach a thainig air mar a thainig a’ chailleach air Eobhain, “gun chuireadh, gun chead.” ’N uair a sheas Domhnull os a chionn agus a sheall e ceart air, thog e ’dha laimh ag radh, “Am Freasdal a bhi ’g ar beannachadh, agus a cur dion eadar sinn agus tu, mur ’th’ ann ’tha choltas agus a chruthachd a cur crith air m’ fheoil; ’s cinnteach mise nach ann do ’n t-saoghal so a bhuineas an creutair sin.” “Ciod air bith saoghal do ’m buin e,” arsa Seònaid, “cha ’n fhaod e bhi fo na cabair so; cha teid priobadh cadail air mo shùil fhad ’s a bhios e ’n aon taigh rium.” “Ma ’s ann mar sin a tha,” arsa Domhnull, “tha eagal ormsa gu ’m bi thu gun chadal an da latha so. Cha ’n ’eil dad de choltas cabhaig air an diùlnach sin. Ciod e ghabhas deanamh ris? Ma theid a thilgeadh a mach, ni an lagh greim oirnn, agus ma leigear bàs anns an taigh e, cha ’n e sin is fearr. Nach ann a dh’ fheumas sinn biadh fheuchainn ris?” Agus ’n uair a chaidh sin a dheanamh, dh’ itheadh is dh’ òladh e gu sgoinneil. Thainig a nis Domhnull agus a chàirdean gus a chodhùnadh gur i ’bhean-shìthe ’ghoid Tormad beag, agus a dh’ fhàg a leanabh fein ’n a àite; agus thug iad de chomhairle air, na ’m fàgadh e fad oidhche ’s a’ chreig mhoir e, ’n uair a chluinneadh a’ bhean-shìthe a’ rànaich e, gu ’n tigeadh i ’g a iarraidh agus gu ’m fàgadh i an leanabh ceart ’na àite. ’S ann mar so a thachair. An ath-oidhche phaisg Domhnull an leanabh-sìthe ’na bhreacan-glas, agus sgnog e ’bhoineid leathann, ghorm m’ a cheann, agus theannaich e ’chuaille daraich ’n a dhorn, ’s thog e ris a’ chreig mhoir ’s an leanabh sìthe aige air a mhuin. ’Nuair a thill Domhnull dhachaidh, leig e glag dhe fein ’s a’ chathair, agus aig an àm cheudna ag radh, “Dh’ fhàg mi ’s a’ chreig mhoir e, agus mur a gabh a bhan-charaid a bhean-shìthe truas ris, ged a thogadh na h-iolairean e, ’s mi nach biodh diombach.” Ge moch a dh’ eirich a’ ghrian a sgaoileadh a sgiathan òir air gualainn an t-sleibhe, bu mhoiche na sin a bha Domhnull aig a’ chreig mhoir. ’N uair a rainig e, bha ’n leanabh-sìthe gu cloch-shuileach ag amharc mu ’n cuairt de air a’ chreig. Cha d’ thainig a’ bhean-shìth a chur dragh sam bith air; agus cha mho ’thainig iolaire no feannag g’a ghriobadh no g’a ghrobadh. Cha robh air ach a thoirt dhachaidh a rithist; agus ma thug, cha b’ ann gu sith. Ràineadh is chaoineadh e, air uairibh latha ’s oidhche gun sgur, ach facal bruidhne cha d’ thainig riamh as a cheann. Agus coltach ri crodh caol na h-Eiphit, mar is motha dh’ itheadh e, ’s ann bu chaoile ’bha e ’fàs. [TD 203] [Vol. 10. No. 27. p. 3] “Ach,” arsa Seonaid ri Domhnull oidhche dhe na h-oidhcheannan, “ciod an t-ainm a bheir sinn air an leanabh so? ’N saoil thu nach fheum sinn fhaotainn air a bhaisteadh?” “Ma ta,” arsa Domhnull, “cha ’n ann a’ toirt droch fhreagairt ort, ach ma thogras tu fhein thoir ‘Mac-Cruisleig’ mar ainm air, ach cha bhi m’ ainm-sa no mo shloinneadh air, no ainm no sloinneadh duine bhuineas dhomh. ’S e an aon bhaisteadh a dheanainns’ air, breith air dha chaol coise air, agus aon tulgag ’thoirt da a mach air linne chreagain.” Beagan ùine ’n deigh sin, thainig duine cunnartach de thaillear crubach a bha ’s an àite ’dh’ obair do thigh Dhomhnuill. Is e àm an fhoghair a bh’ ann, ’n uair a bha iad gu math dripeil ris a bhuain. Agus an deigh am biadh maidne, thuirt Seònaid ris an taillear, e ’bhi cho math ’s a shùil a chumail air an fhear a bh’ anns a’ chreithil, gus an tigeadh iad dhachaidh bho ’n bhuain; “ach,” ars’ ise, “ged a bhiodh e ’rànaich ’s a caoineadh, na gabh ort e, oir ’s e sin a thoilinntinn.” Bha nis an taigh aig an tàillear chrùbaich agus aig an fhear bheag dhaibh fhein, agus a’ h-uile greim a bheireadh an tàillear ’s a’ chota, bheireadh e sùil air an fhear bheag, agus bheireadh am fear beag sùil a cheart cho guineach air an tàillear. Mu dheireadh chaidh e air uilinn ’s a’ chreitheil agus sheall e gu colgarra air feadh an taighe, agus ’n uair a chunnaic e nach robh ’stigh ach iad fein, thionndaidh e ris an tàillear, agus ars’ esan, le guth làidir, fearail, “Am bheil duine ’stigh ach thu fhein?” “Ma ta,” ars’ an tàillear, “tha mi ’faicinn nach ’eil, agus tha mi gle choma ged nach bithinn fhin a stigh.” “Na biodh eagal sam bith ort,” ars’ am fear beag, “cha chuir mise corrag ort.” “Cha ’n e cudthrom de chorraig ’tha cur eagail orm,” ars’ an tàillear, “ach co dhiubh, bu cho math leam a bhi tri mìle á so.” “Na gabh ort e,” ars’ am fear beag; “ach ma gheallas tu dhomh nach innis thu orm e, bheir mi dhuit an t-aon phort piobaireachd is briagha ’chual thu riamh.” “So, ma ta,” ars’ an tàillear, “suas e.” Thug am fear beag a mach feadan fada caol dubh a bha fo ’dhruim ’s a’ chreithil, agus thoisich e air cluich, ’s ma thoisich—a leithid de cheol cha chual’ an tàillear crùbach riamh. Stob e ’n t-snathad ’s a’ chòta, agus chuir e ’chasan bac air bhac, ’s a lamh fo ’leth-cheann ag eisdeachd a chiùil. Ach cha robh e fada mar sin ’nuair a thainig aon fhichead maighdean òg a stigh, le ’n earradh fada uaine air gach té dhiubh. Thoisich an ceol ’s thoisich an damhsa, an tàillear ’s a dha shùil an iompais leum a mach as a cheann ag amharc orra. Ach mu dheireadh, thug an ceol a leithid de bhuaidh air agus gu ’n do thilg e uaithe an còta agus air a chois gu ’m bitheadh e. Bha e mu dheireadh ’s fhallus ’g a dhalladh a’ damhsa leis a chois chrùbaich. Agus ’s ann a thoisich e air caogadh ris na boirionnaich, ach ’n uair a shaoil leis té dhiubh bhi aige ’n a achlais, cha robh aige ach sgaile. Ach uair dhe na h-uairean, anns an tighinn mu ’n cuairt do ’n tàillear chrùbaich ’s an damhsa, thainig te dhiubh agus thug i ’n sgaile ud do ’n tàillear mu thaobh a pheirceill, a chuir dearsach-theine as na sùilean aige. Thog e ’dha laimh ’g a fasgadh, agus ’n uair a dh’ fhosgail e iad, fhuair e e fein ’n a shuidhe air a’ chathair, a chasan bac air bhac, ’s an còta air a ghlun, direach mar a bha e mu ’n do thòisich an ceòl. Sheall e mu ’n cuairt air, agus cha robh beò a stigh ach e fein ’s am fear beag, a bha gu socair air a dhruim ’s a’ chreitheil gun phiob gun fheadan. Thainig na buanaichean dhachaidh, agus bha ’n tàillear gle thaingeil agus gle thoilichte ’n uair a bha còta Dhomhnuill réidh, agus nach tigeadh air a bhi latha eile ’stigh leis fein, an cuideachd an fhir bhig. Beagan an deigh sin, thoisich am fear beag air cleachdadh a ghabhail a bhi ’g éiridh ’n uair a rachadh càch a chadal, agus suidhe leis fhein aig an teine, a’ turraman agus a’ seinn iomadh crònan tiamhaidh nach cuala Domhnull riamh roimhe. Aon oidhche àraid ’n uair a dhùisg Domhnull eadar uair agus da uair ’s a’ mhaduinn, bha ’m fear beag a cur dheth a’ seinn— “’S truagh nach robh mi ’n Cnoc-a’-chuilinn, Far an d’ fhag mi mo chuid ghillean, Fuaim an ùird is glag an innein, Builg ’g an seideadh ’s airm ’g an cumadh. ’S truagh nach robh mi ’n Cnoc-na-h-àiridh, Far ’n do dhealaich mi ri m’ chàirdean, Iadsan ait gu ceolmhor, gàireach, ’S mis’ an so gu bronach, craiteach.” “Am bheil thu ’na do dhùisg?” arsa Domhnull ri Seònaid. “Tha,” arsa Seònaid. “Am bheil thus’,” arsa Domhnull, “ag eisdeachd a’ chreutair ud mu ’n àm so dh’ oidhche, ’n uair ’tha h-uile criosduidh ’s an dùthaich ’n an suain chadail? Nach bochd an gnothach nach faigh daoine fois na h-oidhche leis a’ gharrach ghlas? ’S mor ’tha mi smaoineachadh eiridh agus aon teas a thoirt ’n a pheirceall a chuireas bàs a sheanamhair as a chuimhne, ma bha seanamhair aige!” “O!” arsa Seònaid, “air son na chunnaic thu riamh na cuir corrag air; cha ’n ’eil sìthiche ’s a’ chreig mhoir nach biodh air do mhuin fo latha ’toirt a mach a thòrachd.” Latha no dha an deigh sin, bha Domhnull a’ dol do ’n cheardaich le soc a’ chrainn, agus ’n uair a chunnaic am fear beag a’ falbh e, “Fiach,” ars’ esan, “am faigh thu sgeul ùr dhomh bho ’n ghobha?” ’Nuair a thill Domhnull dhachaidh, “Seadh,” ars’ am fear beag, “an d’ fhuair thu n sgeul ùr dhomh bho ’n ghobha?” “Ma ta,” arsa Domhnull, “dh’ iarr e orm innseadh dhuit gu ’n deachaidh ceardach Cnoc-a’-chuilinn ’na teine eadar bhalg is inneanan.” “Och, mo chreach!” arsa ’m fear beag, “ma tha sin fior, tha mo chall sa deanta. Tha da theallach dheug agamsa ag obair ’s a’ cheardaich sin.” Thog e mach ris an aonach ’s an ràn ’n a bheul; ach an ceann tiota thòisich e air cluich an fheadain. “Ma ta,” arsa Domhnull, “tha mi ’n dòchas gur e cumha Mhic Cruimein a tha e ’cluich, ‘Cha tìll mi tuilleadh.’ Gu dearbh, a Sheònaid, is sinn a dh’ fhaodadh a radh, mar a thuirt Iain glan ’n uair a chuir e mach am mac mollachd, ‘Is gloinid an tigh an cartadh ud.’” Ach feumaidh sinn beannachd a ghabhail le Domhnull Mac Thormaid agus leis an leanabh shìthe aig an àm so. Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. XIV. BHA ’n righ a’ creidsinn gu ’m b’ e Abon Hasan bu choireach ri bas Noushatal, agus labhair e ann an corruich ris mar so: “A chreutair thruaillidh, nach tu fhein, leis an droch dhiol a bha thu ’deanamh oirre, bu choireach ri bas do mhna? An urrainn mi teagamh a chur ann? Bu choir dhut air a’ chuid bu lugha am barrachd meas a bhith agad air a’ bhanrigh, aig an robh tlachd mor d’ a searbhanta, agus a dh’ aontaich a’ toirt dhut ri ’posadh. Nach math a nochd thu do thaingealachd dhi!” A’ Cheannaird nan Creidmheach,” ars’ Abon Hasan, agus e leigeadh air gu ’n robh e ’gul na bu ghoirte na bha e roimhe, “an urrainn bhur morachd a chreidsinn gu ’n deanadh an t-Abon Hasan sin, air an do bhuilich sibh iomadh caoimhneas is urram ris nach robh duil aige, a bhith ciontach de leithid sin de mhi-thaingealachd? Ghradhaich mise mo bhean Noushatal, cha b’ ann a mhain air son gu ’n robh i anabarrach tlachdar air a h-uile doigh, ach mar an ceudna, a chionn gu ’n d’ fhuair mi uaibhse agus o ’n bhanrigh i. Cha b’ urrainn gradh a bhith aig fear d’ a mhnaoi na bu mho na bh’ agam dhi. Ach, mo thighearna, bha aice ri dhol thun a’ bhais, agus cha cheadaicheadh Dia dhomhsa na b’ fhaide an sonas a bh’ agam maille rithe a mhealtuinn.” A dh’ aon fhacal, thug Abou Hasan an car as an righ cho glan ’s gu ’n d’ ordaich e do ’n fhear-ionmhais, a bha ’n lathair aig an am, ceud bonn oir agus pios aodaich a thoirt dha. Leig Abon Hasan e fhein ’na shineadh aig casan an righ, agus thug e mile taing dha air son a chaoimhneis. “Lean am fear-ionmhais,” ars’ an righ; “cuir an t-aodach thairis air a’ chorp, agus cosg an t-or ri ’cur gu measail fo ’n talamh.” Gun fhacal tuilleadh a radh ris an righ, chrom e ’cheann mar umhlachd dha, agus lean e am fear-ionmhais am mach as an talla. Cha bu luaithe fhuair e an t-aodach agus an sporran na ghrad chaidh e dhachaidh, agus e gle thoilichte a chionn gu ’n deachaidh gnothaichean cho math leis. Bha Noushatal a’ fas sgith le bhith cho fada ’na sineadh air an urlar mar gu ’m biodh i fuar, marbh. Cha bu luaithe ’chual’ i Abon Hasan a’ fosgladh an doruis na dh’ eirich i agus ruith i far an robh e, agus dh’ fheoraich i, an d’ thug e an car as an righ cho math ’s a thug i fhein as a’ bhanrigh? “Nach fhaic thu so,” ars’ esan, agus e ’sealltainn dhi an aodaich agus an sporrain. “Theid agamsa air leigeadh orm gu ’m bheil mi gle bhronach a’ caoidh mo mhna a cheart cho math ’s a theid agad fhein air a leigeadh ort gu ’m bheil thu gle bhronach a’ caoidh d’ fhir.” Ach air son sin, bha eagal air Abon Hasan gu ’n do choisinn e fhein agus a bhean dìumbadh an righ ’s na banrigh air saillibh mar a thug iad an car asda. Smaoinich e gu ’m bu choir dha a bhean a chur ’na faireachadh mu ’n ghnothach’ gun fhios ciod a dh’ fhaodadh tachairt. Ars’ esan rithe: “Mar is mo a chuireas sinn an righ ’s a’ bhanrigh ann an iomcheist is ann is docha iad a bhith toilichte air a’ cheann mu dheireadh, agus faodaidh e bhith gu ’m bi iad na ’s fialaidhe ruinn na bha iad riamh roimhe.” Thug so orra ’charaireachd a chumail air aghart. Ged a bha iomadh gnothach cudthromach aig an righ ri dheanamh an lath’ ud, chuir e a’ chomhairle mar sgaoil anns a’ mhionaid, a chum gu ’n rachadh e do sheomar na banrigh a chaoidh maille rithe air son bas na searbhanta. “Leanaidh tu mise,” ars’ esan ri Mesrour, a bha ’n comhuuidh ’na chuideachd ge b’ e aite do ’n rachadh e, agus a bha maille ris an lath’ ud anns a’ chomhairle; “rachamaid a chaoidh comhladh ris a’ bhanrigh air son bas Noushatal.” An uair a chaidh iad do sheomar na banrigh, fhuair iad i ’na suidhe air sofa, agus i gu tursach, deurach, bronach. “A bhaintighearna,” ars’ an righ, agus e gabhail direach far an robh i; “is gann a ruigeas mi leas innseadh dhut gu ’m bheil mi faisge air a bhith cho tursach riut fhein. An rud a bheir bron no aoibhneas dhutsa, bheir e bron no aoibhneas dhomhsa; agus tha fhios agad fhein air a so. Ach gheibh sinn uile bas, agus feum- (Air a leantuinn air taobh 206.) [TD 204] [Vol. 10. No. 27. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, AM MART 28, 1902. Cleas Tur Bhabeil. ANNS na bliadhnaichean deireannach dhe ’n naodhamh linn deug thòisich muinntir bhailtean nan Staidean ri togalaichean a chur suas anns an robh àirde thar cuimse. Nuair a chaidh tòiseachadh air Tùr Bhabeil, ’s e bha ’san amharc aig ar sinnsirean slighe dheanamh air am biodh e comasach dhaibh dìreadh o ’n t-saoghal so gu saoghal a b’ fhearr; aig na Geancaich a chaidh mu dhealbh thogalaichean mora ’n latha ’n diugh, ’se bha san amharc an greim air an t-saoghal so fhéin a mheudachadh ’sa dhaingneachadh, ach ’s e ’s dòcha gun deach iad na b’ àirde o thalamh na chaidh na priomh-aithrichean, ged a bha iad ag iarraidh gu nèamh. Cha ’n eil cùnntas againn air dé ’n àirde bh’ ann an Tùr Bhabeil; ach gheibhear ann an caochladh bhailtean ’s na Staidean an diugh togalaichean anns am bheil o fhichead gu deich air fhichead lobhta. Agus bha ’m fear a b’ ùire dhiubh mar bu trice ’toirt bàrr air na bha air bonn roimhe, air chor ’s gu robh daoine ’tòiseachadh ri fhaoighneachd, “C’ àite ’m bheil an obair so gu stad?” Ach, a reir barail àrd-chlachair a th’ ann am baile Chicago, cha bhi a’ cheist so fada gun a fuasgladh. Tha e ag radh gu bheil na cabair, ’s na sailthean, ’s na postaichean cruadhach a tha ’cumail nan togalaichean mora so ri chéile a’ meirgeadh gu bras, agus mu ’n ruith cùnntas mor bhliadhnaichean gu ’m bi iad cho lag ’s gu ’n tuit na cruachan mora gu talamh. Ma thachras sin, is fheudar do dhaoine bhi riaraichte le taighean-còmhnuidh is àitean-gnothuich de dh’ àirde chuimsich, gus am faighear doigh air cnàmhan-droma ’s aisnichean a chur annta air nach dean meirg no tìm deargadh. Nach suarach saothair mhic an duine! Tha togalaichean mora agus greadhnach an t-saoghail a’ cnàmh ’s a’ call am briaghad a lion beagan is beagan. Cha ’n eil ann de Thùr Bhabeil an diugh ach an t-àit anns an robh e. Tha steidh eaglais Naoimh Phòil an Lunnainn, ged nach eil i ach mu dha cheud bliadhna dh’ aois, a’ fàs critheanach ’s a dol as ’àite; ’s tha iomadh eaglais agus aitreabh òirdhearc eile a’ fàs sean ’s an impis tuiteam, ged a bha choltas orra aon uair gu ’n seasadh iad fhad ’sa mhaireadh an saoghal. Cha ’n eil obair a nithear leis an duine ach beagan na ’s buaine na tha a bheatha, agus cha ’n eil sin ach diomain. Tha e ann an diugh, gu dian ri obair, agus làn de chùram; am màireach cha ’n eil e-fhein no toradh ’obrach air fhaotainn. Agus na h-aitreabhan is motha ’s is làidire ’s is greadhnaiche tha ’n diugh air an t-saoghal, bidh iad fhathast cho lom ri talamh ’s nach bi fhios aig fear-gabhail na slighe gu robh iad riamh ann, cleas Tùr Bhabeil. Gu De Tha Fa-near Dhaibh? IS e an sgeul mu dheireadh a thainig á Africa mu dheas, gu bheil ceannardan an “Riaghlaidh” Bhoerich air tighinn a dh’ amharc air Morair Citchener. Cha’n eil fhios gu dé tha fa-near dhaibh, co dhiubh ’s ann a’ dol ga ’n toirt fein suas a tha iad no nach ann, ach cha ’n eil teagamh nach eil iad deònach ni-eiginn a dheanamh air son an sìth a chosnadh nach robh iad deònach a dheanamh roimhe. Ma thig iad so gu còrdadh ris a cheannard Bhreatunnach, cha bhi leisgeul sam bith aig na Boerich eile bhi seasamh a mach, oir b’ ann fo ùghdarras an riaghlaidh,” ged a bha e o chionn ùine mhor air udal ’s air allaban o àite gu àite, a bha an cogadh air a chumail air adhart. Agus ma dh’ aontaicheas buill an riaghlaidh sin sìth a dheanamh, cha bhi annta-san a sheasas a mach an deigh sin ach na dubh-cheannaircich aig nach bi còir dhligheach air an cogadh a chumail suas. Faodar a radh gu bheil diubhar mor eadar a bharail a th’ aig na Breatunnaich air na Boerich an diugh ’sa bharail a bh’ aca orra ’n tùs a chogaidh. Is fhada o’n thug iad urram dhaibh mar dheagh luchd-cogaidh; agus o ’n leig an Seanalair Delarey mar sgaoil am Morair Methuen an deigh dha a ghlacadh mar phriosanach, tha iad air am barail atharrachadh orra mar dhaoine, agus a’ creidsinn nach eil iad cho fior bhorb no cho cealgach ’s a bhatar a’ fagail orra. Cha ’n eil fhios nach eil a’ chuid is miosa dhe ’n amhreit a nis thairis, agus co a ghabhas air a radh nach bi am Breatunnach agus am Boerach fhathast na ’n dlùth-chàirdean ’s na ’m bràithrean an Africa mu dheas. Nuair thig an latha sin, agus is docha leinn nach eil e fad as, bidh sìth agus soirbheachadh anns an dùthaich nach biodh innte ’m feasda mur biodh an cogadh fada, fuilteach so air a bhi ann. Na Sudanaich. THA na facail Cocàsaich agus Mongolaich air an cleachdadh an seagh cumhann agus an seagh farsuinn. Faodar am facal Sùdànaich a chleachdadh anns a cheart dòigh. Air a chleachdadh ann an seagh farsainn tha e a gabhail a staigh uile Nigearan an t-saoghail. Faodar na Sùdànaich, no na Nìgearan, a roinn na ’n da mhor-bhuidhinn, Nìgearan Africa agus Nìgearan nan Eileinean. Faodar Nìgearan, no Dubhaich, Africa a roinn na ’n ceithir bùidhnean; na Sùdànaich ann an seagh cumhann an fhacail, na Bantuich, na Troichean, agus na Sathànaich ’s na Coi-còinich. Do na Sùdànaich buinidh na Wolo-faich, na Mandingaich, na Felupaich, na Timnich, treubhan Shierra Leone, na Crùthaich, na h-Aiseantaich, na Dahomaich, na Yorubaich, na Sonraich, na Hausaich, na Canembaich, na Canùraich, na Baghirmich, na Mosgaich, na Màbaich, na Niubaich no na Berberich, na Silucaich, na Dincaich, na Bàirich, na Bougaich, na Mangbataich, na Sandeich, agus slòigh eile. Do na Bantuich buinidh na Banseothaich, na Bàyathaich, na Wagandaich , na Wanyoraich , na Waswahelich, na Sùluich, na Bechuthanaich, na Baisilangaich, na Balolaich, na Manyuemaich, na Bacuthalaich, na Fanaich, na Batangaich, agus slòigh eile. Tha na Sùdànaich agus na Bantuich na ’n daoinibh àrda, garbha foghainteach. Tha beagan de dh’ fhuil Arabach agus roinn mhor de dh’ fhuil Hamach annta. Tha cuid diu na ’m Mahometaich agus cuid eile na ’n dubh chinnich. Cha ’n fheil ach gle bheag dhiu aig a bheil eolas air an t-soisgeil agus air Criosda mar Shlànaighear pheacach. Tha cuid diu mar tha na Sandeich, no na Niam-Niamaich, na Banseothaich, agus na Manyemaich na ’n canabalaich, no na ’n daoin’-itheadairean. Tha mu dheich mìle de na Troichean, a chòmhnuidh ann an coille mhoir mu chrios meadhoin an t-saoghail aig bràighe abhainn Chongo. Tha na firionnaich mu cheithir troighean de dh’-àirde. Tha an ceann aca gu math cruinn, an amhach tiugh, am broilleach leathann agus an casan fior gharbh. Tha feusag dhubh, thiugh, chuachach orra, agus tha fionnadh trom air am broilleach. Tha bilean tiugh aca mar a tha aig na Nìgearan uile. Tha iad na ’n daoine fior laidir. Mur h-fheil iad cho laidir is a bha Aonghus Beag, brathair Mhic Mhaighstir Alasdair, tha iad faisg air. Tha choille ’sa bheil iad a fuireach mu 140 mìle air fad agus mu 120 mìle air leud. Tha sleaghan aca agus boghachan-saighid. Tha iad na ’n sealgairean comharraichte. Tha iad a cheart cho math air an t-saighid is a bha Iain Beag Mac Anndra, agus fóghnaidh sin. Tha na mnathan aca mu thri troighean is deich òirlich air àirde. Tha iad na ’m boirionnaich thapaidh. Cha ’n fheil luid na ’m measg. Tha sùilean briagha aca. Bha cuid de dhaoine ag radh nach robh creideamh idir aig na Troichean. Tha creideamh aca, agus creideamh a tha, co dhiu, a cheart cho math ri creideamh na ’n an-diadhach a dh’ iarradh gum faighteadh cinnich gun chreideamh, gun anam; tha iad a deanamh aoraidh do spioradan nan craobh. Tha na Sathànaich, no na Preasaich, a fàs gann. Chuir na Bùraich as do mhoran diu. Cha ’n fhiach iad mar thuathanaich. Cha ’n fheil iad eadhon cho math ris na daoine sin a chi sinn a deanamh tàir air fearann agus ag ùrnuigh gu dùrachdach aig dorus taigh na parlamaid air son obair shocraich air choreiginn gu ’n cumail beò. Cha ’n fheil crodh no caoraich aca. Cha ruamhair iad an talamh ’s cha tog iad barr. Tha iad math air sealg is air siubhal. Tha iad a tighinn beò air eoin ’s air beathaichean fiadhaich, air measan is air friamhaichean. Cha ’n fheil cuma bhoidheach air am brù, agus cha ’n iongantach ged nach h-fheil; bidh i falamh gu math tric. Tha na Hotentotaich na ’n daoinibh siobhalta, caoibhneil; ach tha iad gu math leisg. Tha Coi-còin, an t-ainm a tha aca orra fein, a ciallachadh daoine nan daoine. Tha an craicionn buidhe-dhubh. Tha màsan uamhasach air cuid diu. Cha ’n fheil aobhar sam bith aig na boirionnaich aca air dronnagan-Greugach a cheannach; tha iad orra gu nàdarra. Fhuair Vasco de Gama eolas air na Hotentotaich ’sa bhliadhna 1497. Bha crodh is caoirich is biadh gu leoir aca an uair sin. A. M. S. SGEULA BAIS A MILAN, CUEBEC—Toiseach na seachdain so, chaidh an taigh aig Domhnull Mac Gilleain, am milan Cuebec, na theine, agus bha dithis dhe chloinn air an losgadh gu bàs. Tràth ’sa mhaduinn chaidh e-fhein dh’ an t-sabhal, a fàgail lampa laiste air a bhòrd. Spraidh an lampa ’s chuir i teine ris an taigh. Nuair a chunnaic Mac-Gilleain an teine, cha robh ’na chomas a shàbhaladh ach aon duine dhe’n chloinn, aois choig bliadhna. Bha’n dithis a chaidh a losgadh ceithir is sia bliadhna dh’ aois. Bha màthair na cloinne aig an àm ’s an taigh eiridinn an Boston, agus bha ’n dithis bu shine dhe’n chloinn air falbh o’n taigh. [TD 205] [Vol. 10. No. 27. p. 5] Naigheachdan. LONG BHRISTE AIR A FAOTAINN—Fhuaireadh an soitheach-smùide Tiber far an deach a bristeadh air na creagan ma choig mile mach á Canso. Cha deach aon duine dhe na bha air bòrd a shàbhaladh. Chaidh bàta ’bhuineadh dhi fhaotainn aig beul acarsaid Petit de Grat, toiseach na seachdain so. BATHADH AIG ABHAINN SHEORAIS—Chaidh Iain, mac do Dhomhnull Walker, a bhàthadh aig Abhainn Sheorais air an naodhamh latha deug dhe ’n mhios so. Bha e ’dol tarsuinn an loch air an rathad gu ’obair, nuair a bhrist an deigh fodha. Chunnacas e le muinntir air tir, ach cha b’ urrainn dhaibh a ruigheachd an àm gus a shàbhaladh. Chaidh an corp fhaotainn mu ’n dàinig am feasgar. Cha robh e ach fichead bliadhna dh’ aois. BAS DITHIS BHRAITHREAN—Air an Eilean mhor, air an treas latha deug dhe’n mhios, chaochail Uilleam agus Alasdair Mac-Coinnich, dithis bhràithrean: Uilleam aig coig uairean ’sa mhaduinn, agus Alasdair aig coig uairean feasgar. Bha iad air an tiodhlacadh còmhladh aig Man-o’-War Point feasgar Di-sathairne. Bha Uilleam tri fichead is seachd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus dh’ fhàg e coignear chloinne. Bha Alasdair ceithir fichead is tri bliadhna, agus dh’ fhàg e sianar chloinne, gach aon dhiubh ann an dachaidh dha fhéin. Bha ’n dithis bhràithrean aosda so a’ fuireach air an àite air an d’ fhuair iad am breth ’s an àrach, agus bha iad air daoine cho measail ’s cho math cliù ’sa bha ’san sgìreachd ’san robh ’n còmhnuidh. CUIDEACHADH DO ’N RATHAD UR—Bha coinneamh aig Comhairle na siorrachd air an t-seachdain s’a chaidh, aig ’n do dh’ aontaicheadh sia mile deug dolair a thoirt mar chuideachadh dhaibhsan a tha togail an rathaid-iaruinn air taobh deas an eilein, bho Phoint Tupper gu Sidni. Tha an t-airgead so ri bhi air a chur a cheannach an fhearainn troimh ’m bheil an rathad ri dhol, agus cha ’n t-siorrachd ga ’thairgse air chùmhnant gu ’m pàigh na bailtean an cuid fhéin. Tha cuid de na bailtean nach dean sin; tha Glace Bay is Sidni Mines an deigh cur na aghaidh cheana, agus cha b’ iongantach ged dheanadh Sidni Tuath mar an ceudna, ge b’ e dé a ni Sidni. Faodaidh e bhith gu feum comhairle na siorrachd coinneamh eile a ghairm mu ’n teid a chùis a shocrachadh gu ceart. SGIORRADH BASMHOR—Chaidh fear Aonghas Stiùbhart, mac do ’n Chaiptean Tearlach Stiùbhart, ann an St. Peter’s, a mharbhadh air an rathad-iaruinn mu mhìle ’n iar air Loch Mhic-an-t-Saoir, maduinn Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh a chur bhar trein na maidne a chionn nach sealladh e ticket ’s nach pàigheadh e ’fharadh. Choisich e mu mhile o’n àite ’s an deachaidh fhàgail, agus an sin chaidh e ’na shìneadh air an rathad ’s chaidil e. Beagan ùine ’n deigh sin thainig trein eile, agus bha e air a ghrad mharbhadh. Cha robh ann ach duin’ òg, da bhliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Bha e na mharaiche. ’S ann air a thurus do Bhoston a bha e an latha chaidh a mharbhadh, far an robh e dol air birlinn air an robh e na sgiobair o chionn àireamh bhliadhnaichean. Dh’ fhàg e bean is dithis chloinne ann an St. Peter’s. IONNSUIDH AIR MARBHADH—Bha fear Calum Mac Fhearghais, a tha fuireach air rathad Charibou Marsh, air a thilgeadh le coimhearsnach dha, Iain Brown, feasgar Di-sathairne, an coigeamh latha deug. Bha Mac Fhearghais a dol seachad air taigh Bhrown le each is carbad, nuair a thainig Brown a mach ’sa loisg e da urchair air. Chaidh aon de na peilearan ann an amhaich Mhic Fhearghais, agus b’ fheudar a thoirt do ’n taigh-eiridinn feasgar an ath latha. Tha e air a dhol am feobhas, ach ann an cunnart gu leòr fhathast. Tha Brown anns a phrìosan, a’ feitheamh na cùrtach. Tha e tinn leis a chaitheamh o chionn da bliadhna, agus tha a bhean ag radh gu bheil an tinneas an deigh a chur as a chéill. Tha muinntir eile dhe ’n bharail nach eil i fada cearr. Ged nach robh Brown riamh ainmeil mar choimhearsnach sìtheil, cha ’n eilear am barail gu ’n deanadh e gniomh cho fìor olc na ’n robh e air a bhi na thùr fhein. OBAIR TOGAIL SHOITHICHEAN—Thatar ag iomradh gu bheil fear G. B. Hunter, a mhuinntir Shasuinn, a rùnachadh tòiseachadh ri togail shoithichean cruadhach ann a Halifacs. Buinidh e do ’n chuideachd Swan & Hunter, aig am bheil obraichean mora dhe ’n t-seòrsa sin ann an Newcastle-on-Tyne. Tha baile Halifacs deònach ceud mìle dolair a thoirt seachad mar chuideachadh air son an obair a chur air bonn. BAS LE URCHAIR GUNNA—Chaochail fear Pius Mac-a-Phearsain ann an Seana Bhridgeport air an treas latha deug, le leòn a fhuair e bho urchair gunna da latha roimhe sin. Bha e-fhéin is fear eile mach a sealgaireachd; thuit an gunna as a laimh-san ’s chaidh an urchair na chois, ga bristeadh an da àite. Thugadh dotair ga ’ionnsuidh cho luath ’sa ghabhadh deanamh, ach bha e air a lagachadh cho mor le call fala ’s nach robh dòigh air a bheatha shàbhaladh. TUILLEADH AIRM AS NA “COLONIES”—Tha New Zealand an deigh naodh reiseamaidean a chur do Africa mu dheas a chuideachadh leis an arm Bhreatunnach, agus tha riaghladh na dùthcha sin a nise ’g ullachadh reiseamaid eile gus a cur ann. An deigh do ’n chall a thainig air na Breatunnaich ri linn glacadh Mhethuen, thatar ag aithris gu ’n do thairg riaghladh Chanada tuilleadh airm a chur do Africa na ’n cuirte feum air. Tha na colonies a bhi cho deònach cuideachadh leis an dùthaich mhàthaireil a toirt toileachadh nach beag agus misneach do ’n riaghladh ’s do ’n t-sluagh. Cha mhor de rioghachdan an t saoghail a tha ’n diugh gle chàirdeil ri Breatunn, agus tha chùis a bhi mar sin a fàgail dìlseachd agus càirdeas a colonies fein anabarrach taitneach. BATHADH MULADACH AIG PORT MORIEN—Air an t-seachdamh latha deug dhe ’n mhios so, bha Domhnull agus Iain Mac-a-Ghobha, bràithrean, air am bàthadh ann an Sand Lake, faisg air Port Morien. Bha iad ag obair ann am meinn Chaledonia, ach air a mhaduinn ud, air dhaibh a bhi car anmoch air son dol a dh’ obair, chaidh iad a shealg lach. Nuair nach do thill iad feasgar, chaidh daoine ga ’n iarraidh, agus maduinn an ath latha fhuaireadh corp fir dhiubh anns an loch. Tha corp an fhir eile gun fhaotainn fhathast. Tha daoine dhe’n bheachd gu ’n deachaidh fear dhiubh ro fhada mach air an deigh, ’s gu’n do bhrist i fodha, agus gu’n do chaill am fear eile ’bheatha feuchainn ri shàbhaladh. Bha fear dhiubh ochd bliadhna fichead is am fear eile deich bliadhna fichead a dh’ aois. AN CALA GA ’THOGAIL—Tha Marconi an deigh roghainn a dheanamh de Table Head, an Glace Bay, mar an t-àite anns an cuirear suas cala air son a bhi car fhiosan thar a’ chuain air an dòigh ùir. Tha ’n obair ri tòiseachadh gun dàil, agus bidh mu dha cheud fear-ceairde air an làraich an ùine ghoirid. Tha ceithir tùir agus aon taigh ri bhi air an togail, agus cosgaidh an t-iomlan da fhichead mìle dolair, saor o na h-innealan a tha ri dhol annta. Tha àrd-riaghladh Chanada a toirt ceithir fichead mìle dolair mar chuideachadh do Mharconi, agus a toirt gach cothroim eile dha a bhios na ’n comas. Dh’ fhalbh e toiseach na seachdain so do New York. A sin tha e dol a null do Shasuinn, far am bheil e ’dol a thogail cala eile air cladach Chornwall. ’S e sin an cala bhios a’ gabhail ’sa cur air falbh nam fiosan a bhios a falbh ’sa tighinn á Glace Bay. Litir a Ceap Nor. Bha sluagh an àite so air an cur fo ghruaim mu thoiseach a mhìos s’a chaidh le fios a thainig gu’n robh òganach d’ am b’ ainm Daniel Gwin, agus nach robh ach uine ghoirid air falbh as ar measg, air caochladh ’s na Stàidean. Bha e fein agus duine eile ag ath-thubhadh mullach muileann-sàbhaidh. Air dhàsan tuilleadh ’s a chòir dhe ’neart a chleachdadh ann an atharrach an dara stiall dhe ’n t-seann tubhadh iaruinn, thuit e sios troimh ’n cheud fhosgladh, a’ bualadh ann an roth a bha ruith le luathas anabarrach. Chaidh slige a chinn a bhristeadh; agus ged rinn na lighichean na bha nan comas air a shon, dh’ eug e ’n ceann dà la. Chosg a chuideachd aig an robh e ag obair ri deadh chiste-laidhe a chur uime, agus ri ’chorp a chur dhachaidh gu cùramach gu ’phàrantan brònach. B’ esan dara mac Iain T. Gwin. Bha e mu bhliadhna thar fhichead a dh’ aois, agus ged nach robh e ach uine ghoirid aig cosnadh, nochd e dhìlseachd d’ a ’pharantan le cuideachadh airgid a chur d’ an ionnsuidh goirid roimh àm a bhais. Ged bha dhà no trì stoirmean sneachd againn an deigh meadhon a mhìos s’a chaidh, air chor ’s gu robh doimhne chòig troidhean dheth anns a choille, leagh mu leth na doimhne sin air falbh le aimsir bhriagha, bhlàth, a mhair re seachduin. Cha’n ’eil duine ’n ar measg aig am bheil cuimhne air geamhradh fhaicinn riamh air cho beag reodhaidh ’s a bh’ againn air a gheamhradh so, agus ged nach bi duil ri mòran reodhaidh re a chuid eile dhe’n earrach, faodaidh teachd a stigh an t-samhraidh a bhi cho fadalach ’s a’s àbhaist dha bhi. Na ’n tigeadh na tha air a radh ’s air a sgriobhadh mu thimchioll dùnadh suas caolas Eilean a Chluig (Belle Isle) gu crìch air chor ’s gu ’m biodh deigh mhòr na h-airde tuath air a’ cumail air falbh gu buileach o chladaichean Cheap Breatuinn, agus gu ’m biodh mar sin an t-earrach ’s an samhradh a tighinn a stigh le aimsir mòran na ’s blàithe, mar tha cuid a cumail a mach a thachradh, bu bheannachd sin air son nach b’ urrainn luchd-àiteachadh an eilein so a bhi tuilleadh is taingeil. Tha geamhraidhean fada Cheap Breatuinn gle chosgail air biadh spréidhe, ’n uair tha e eucomasach an toirt troimhe gun iad a bhi air am biadhadh fo dhion ré sheachd mìosan; ach ged tha sin maille ri iomadh ni eile, mi-fhabharrach do ’n tuath, nam fanadh mòran dhe’n òigridh a tha fàgail an dachaidhean agus am pàrantan, ’s an dùthaich so fhein, seadh, air an cuid fearainn, agus saoithreachadh a chum am faighinn agus an gleidheadh ann an suidheachadh torrach, bhiodh an cor fein, cor am pàrantan gun chuideachadh, agus soirbheachadh na dùthcha moran na ’s fearr na thà e. M. D. Ceap Nor, Am Màrt 13, 1902. Litir o Ailein an Tailleir. A CHARAID:—Fhuair mi “Mactalla nan Tùr,” leis an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, agus tha mi gle thoilichte leis, agus ged a tha chean’ agam da fhichead leabhar-oran beag us mor, tha mi faicinn anns an leabhar so iomadh òran nach fhaca mi riamh roimhe. Fhuair mi cuideachd, “Filidh na Coille,” leis an uasal urramach cheudna, duine do’m beil mi-fhin ’s gach neach eile ’labhras Gàilig fo iomadh comain. Tha e ri saothair mhoir ann an cumail suas ar cainnt mhàithreil anns an dùthaich so, agus bidh sin na chuimhneachan na’s fhearr dha na bhiodh clach no carragh de sheòrsa sam bith. Shaolainn gu ’n cuireadh gach aon de luchd-gabhail MHIC-TALLA a dh’ iarraidh an leabhair so, gu h-àraidh iadsan a tha chomhnuidh an Ceap Breatunn, an Antigonish ’s am Pictou, far an robh eòlas farsuinn air a’ Bhard Mac-Gilleain ’s air a chuid òran. Agus a bharrachd air òrain a bhàird sin, tha ’san leabhar roinn mhath de dhàin le Maighstir Sinclair fhein ’s do dh’ eadar-theangachadh a rinn e on Bheurla. Is fhiach am “Filidh” a dha uiread ’sa tha ’phris, leth-dolair. Agus cha chòir diochuimhn’ a dheanamh air “Mactalla nan Tùr” a thatar a’ creic air cairteal dolair. Tha an da leabhar so air an creic cho saor ’s gu bheil eagal orm nach pàigh iad an cosdas, mur teid àireamh mhor dhiubh a chreic. Ceannaichibh, a chàirdean, “Filidh na Coille” agus “Mactalla nan Tùr” agus ma bhios aithreachas oirbh air son dealachadh ri tri chairteil dolair air an son, leigibh fios ugamsa. Is mise, ur dearbh charaid, AILEAN MAC GILLEAIN, no, mar theirte rium ann an Siudaig, da fhichead bliadhna roimhe so, AILEAN AN TAILLEIR. [TD 206] [Vol. 10. No. 27. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 203). aidh sinn uaireiginn air beatha ’thoirt seachad do ’n Dia a thug dhuinn i. Bha Noushatal, do shearbhanta dhileas, airidh anns gach doigh air gu ’m biodh tu measail oirre, agus tha mi ’g aideachadh gu ’m bheil e nadarra gu leor dhut a bhith ’g a caoidh gu trom; ach thoir fa near nach toir do bhron air ais i gu beatha. Air an aobhar sin, a bhaintighearna, ma tha gradh agad dhomhsa, agus ma ghabhas tu mo chomhairle, cuir stamhnadh air do bhron, agus thoir do cheart aire air do bheatha fhein, oir ma chailleas tusa do bheatha, bidh mise neo-shona ri m’ bheo. Ged a bha na briathran a labhair an righ rithe gle thaitneach leis a’ bhanrigh, ghabh i uamhas an uair a chual i gu ’n robh Noushatal marbh. Chuir an naigheachd a leithid de dhragh oirre ’s nach robh fhios aice car uine ciod a theireadh i. Mu dheireadh an uair a fhuair i os cionn an tionndaidh a ghabh i, thuirt i, agus ioghnadh gu leor oirre: “A Cheannaird nan Creidmheach, tha lan-chinnt agam gu ’m bheil tlachd mor agaibh dhiom; ach ceadaichibh dhomh a radh nach urrainn mi an naigheachd a dh’ innis sibh dhomh mi bhas Noushatal a ghabhail a steach, agus fhios agam gu ’m bheil i slan, fallainn. Is e bas Abon Hasain a tha ’g am chur fo bhron. Bha meas mor agaibh fhein air, agus bu toigh leamsa e, cha b’ ann a mhain a chionn gu ’n robh e ’na fhear-cuideachd tlachdar, ach mar an ceudna a chionn gu ’n robh meas mor agaibh fhein air. Ach mo thighearna, tha ioghnadh mor orm a chionn gu ’m bheil sibh a’ gabhail cho beag suim dhe ’bhas, agus a’ leigeadh duine air an robh meas mor agaibh, agus a bha cho tric ’n ’ur cuideachd, cho luath as bhur cuimhne; agus tha e ’cur ioghnadh sonraichte orm gu ’m biodh sibh a’ feuchainn ri mo mhealladh le bhith ’cumail am mach gur i a bhean a fhuair bas, agus nach b’ e e-fhein.” Bha ’n righ a’ smaointean gu ’n robh am fios a fhuair e mu bhas Noushatal cinnteach gu leor, gu h-araidh o ’n a chunnaic ’s a chual’ e Abon Hasan beagan uine roimhe sid; agus thog e suas a ghuaillean, agus rinn e glag gaire, an uair a chual’ e na briathran a labhair Sobaide. Thionndaidh e ri Mesrour, agus thuirt e: “Ciod e do bharail air na briathran a labhair a’ bhanrigh? Am bi mnathan uair sam bith a’ call an ceille? oir, a dh’ aon fhacal, chuala ’s chunnaic tu fhein a h-uile rud a bh’ ann cho math riumsa.” An sin thionndaidh an righ ri Sobaide, agus thuirt e: “A bhaintighearna, na bi na ’s fhaide ’caoidh Abon Hasain; oir tha mise ’g innseadh dhut le cinnt gu ’m bheil e slan, fallainn; ach gu ma fearr leat a bhith ’caoidh do shearbhanta; cha ’n ’eil ach beagan mhionaidean o ’n a thainig Abon Hasan a steach far an robh mise, agus e gu tursach, deurach ’g a caoidh, a dh’ innseadh dhomhsa gu ’n robh i marbh. Thug mi dha sporran anns an robh ceud bonn oir, agus pios aodaich gus a chur uimpe an uair a thiodlaiceadh e i; agus o ’n a bha Mesrour anns an lathrach, togaidh e fianuis leam.” Shaoil leis a’ bhanrigh gur ann mar mhagadh a bha ’n righ, agus gu ’n robh toil aige a mealladh. Thuirt i ris: “A Cheannaird nan Creidmheach, ged a bha e ’na chleachdadh agaibh a bhith ’deanamh ceol-spors, feumaidh mi innseadh dhuibh nach e so aon chuid an t-aobhar no ’n t-am air son a leithid a dh’ obair. Tha mise ’g innseadh na firinn dhuibh; cha ’n ’eil mi ’bruidhinn air bas Noushatal, ach air bas Abon Hasain; agus bu choir dhuibhse ’bhith ’g a chaoidh a cheart cho math riumsa.” Thainig nadar de ghruaim air aghaidh an righ, agus thuirt e: “A bhaintighearna, tha mise ’g innseadh dhut gun fheala dha sam bith, gu ’m bheil thu air do mhealladh: tha Noushatal marbh, agus tha Abon Hasan beo, slan.” Mhi-chord an fhreagairt so gle mhor ri Sobaide. Thuirt i ris ann am briathran casa: “A Cheannaird nan Creidmheach, gu ’n gleidheadh Dia sibh o leantuinn na ’s fhaide anns a’ bheachd mhearachdach sin; cinnteach gu leor is ann a tha toil agaibh a thoirt ormsa ’chreidsinn nach ’eil sibh ’n ’ur ciall fhein. Ceadaichibh dhomhsa innseadh dhuibh aon uair eile, gur e Abon Hasan a tha marbh, agus gu ’m bheil mo shearbhanta-sa fhathast beo, agus ’na bantraich. Cha ’n ’eil uair an uaireadair o ’n a chaidh i mach as an t-seomar so. Bha i ’na leithid de staid bhronaich an uair a thainig i ’s gu ’n tugadh sealladh dhi air an duine a’s cruaidhe cridhe a tha beo na deoir a shileadh. Tha na mnathan a bha maille rium an uair a thainig i steach comasach air fianuis a thogail gu ’m bheil mise ’g innseadh na firinn; agus faodaidh iad innseadh dhuibh gu ’n d’ thug mi dhi ceud bonn oir, agus pios aodaich; agus b’ ann a’ caoidh air son Abon Hasain a bha mi an uair a thainig sibh a steach. An uair a chual’ an righ na briathran so, rinn e lascan gaire, agus thuirt e: “A bhaintighearna, tha ioghnadh orm gu ’m biodh sibh cho fada ’n ’ur barail fhein; ach faodaidh sibh a bhith cinnteach gu ’m bheil Noushatal marbh.” “Tha mise ’g innseadh duibh nach eil, mo thighearna,” arsa Sobaide; “ is e Abon Hasan a tha marbh, agus cha toir sibhse gu brath orm a chaochladh a chreidsinn.” An uair a chual’ an righ so, ghabh e fearg. Shuidh e air an t-sofa pios uaipe, agus thuirt e ri Mesrour: “Bi falbh anns a’ mhionaid agus faigh am mach co aca a tha marbh, agus thig an so le fios; oir ged a tha mise deimhin gu ’m bheil Noushatal marbh, is fhearr leam an doigh so a ghabhail na leantuinn na ’s fhaide air connsachadh mu rud air am bheil lan-chinnt agam.” Ghrad dh’ fhalbh Mesrour mar a dh’ aithneadh dha. “Bidh fhios agad ann an uine ghoirid gur e mise ’tha ceart,” ars’ an righ ri Sobaide. “Air mo shon fhin dheth,” ars’ ise, “tha fhios agam gle mhath gur mi a tha ceart, agus chi thusa gur e Abon Hasan a tha marbh.” “Air mo shon-sa dheth, ma ta,” ars’ an righ, “tha mi deimhin gur e Noushatal a tha marbh, agus cuiridh mi geall riut gu ’m bheil Abon Hasan beo, slan.” “Na bi ’smaointean gu ’n teid a’ chuis leat cho math ’s a tha thu ’n duil,” arsa Sobaide; “cuiridh mise geall riutsa, agus tha mi cho fior-chinnteach gu ’m bheil e marbh ’s gu ’m bheil mi deonach an rud a’s luachmhoire ’bhuineas dhomh ris an t-saoghal a chur air a’ gheall. Tha fhios agam ciod a theid agam a chur air a’ gheall, agus ciod e ’n rud a’s luachmhoire a th’ agam; ainmich do gheall, agus seasaidh mise ris.” “O ’n a thainig a’ chuis g’ a ionnsuidh sin,” ars’ an righ “cuiridh mise mo gharadh maiseach air a’ gheall mu choinneamh na luchairt dhealbhannan a bhuineas dhutsa, ged a tha fhios agam gur e an garadh moran is luachmhoire.” “An i a’ cheisd an drasta, gur e do gharadh-sa a’s luachmhoire na mo luchairt sa? Cha ’n e sin a’ cheisd idir. Roghnaich thu an rud a thogair thu fhein dhe mo chuid-sa a chur mu choinneamh na tha thu fhein toileach a chur air a’ gheall. Tha mise ’g aontachadh leat, agus cha teid mi ’n cois m’ fhacail; tha mi ’togail m’ fhianuis ri Dia.” Thog an righ ’fhiannis ri Dia mar an ceudna, agus bha iad le cheile ’gabhail fadachd gus an do thill Mesrour. (Ri leantuinn.) An t-Ollamh Seumas Mac Griogair, UGHDAR MORAN LAOIDHEAN SPIORADAIL. SGRIOBHADH an eachdraidh ghoirid a leanas, anns a bhliadhna 1881, leis an Urr. Gilleasbuig Cleireach, LL. D., an sgoilear cliuiteach a chuir a mach an clo-bhualadh mu dheireadh de dh-obair Oisein. Ann an àireamh roimhe so, a’ tabhairt iomraidh air Dughall Buchanan, thuirt mi gu robh e astar mòr air thoiseach air gach aon de ’luchd-dùthcha a dh’ fheuch ranntachd mu nithean na diadhachd; agus ’n a dhéigh-san gu robh an t-Ollamh Mac Griogair mar Bhàrd spioradail. Is ann le toilinntinn a tha mi a’ cur an céill beagan mu thimchioll an duine fhòghlumta, agus mhaith so; ged nach urrainn domh cunntas mion a thabhairt uime, mar gu cinnteach a tha deadh chòir aige air am measg nan Gàidheal. Rugadh Seumas MacGriogair deireadh na bliadhna 1759—os ceann beagan agus sè fichead bliadhna-’an Srath-Fhaolain, Ceann Loch Eire, ’an Siorramachd Pheairt. Shocraich e ’inntinn ’n a thràth air dreuchd naomh na Ministreileachd; agus fhuair e làn fhòghlum ann an Oil-thigh Dhunéidinn. Co luath as a fhuair e cead dhligheach gu searmonachadh Soisgeul na slàinte, an ’àite fantuinn ’n a thìr-dhùthcha, mar a bhiodh taitneach a thaobh nàduir, chaidh e gun dail gu Pictou ’an Nova Scotia, ’an America mu thuath, far an robh mòran Ghàidheal, o iomadh ceàrnaidh de ’n Ghàidhealtachd, gun duine air bith a’ sealltuinn air am maith spioradail: agus shaoithrich e air mhodh co dùrachdach, agus co foghainteach nam measg car cheithir bliadhna deug ’ar fhichead as gu-n do choisinn e an t-ainm urramach fo-m bheil cuimhne chùbhraidh ’s an ionad sin air gus an là ’n diugh—Abstol Phictou. Tha, air an là ’n diugh, Nova Scotia fada, fada air thoiseach air a’ Ghàidhealtachd ann an iomadh dòigh. Tha pailteas lòin, ’us éididh aig a luchd-àitich; agus, gnothach ro phrìseil, is leo féin am fearann a tha iad ag àiteach. Cha-n ’eil iomaguin orra mu là màil. Cha-n ’eil eagal roimh mhaor, no bàirlinn. Cha-n ’eil iad ’an eisiomail uachdarain, no Factor; oir tha còir dhligheach aig gach duine air an fhearann a tha e ag oibreachadh. Tha gach aon ’n a shealbhadair fearainn, ’n a uachdaran e féin. Agus a bhàrr air a so, tha Eaglaisean, ’us Sgoilean maithe, lionmhor ’n am measg. Tha e gun teagamh ’n a nì cruaidh, mi-chneasda a bhi ’fògradh dhaoine an aghaidh an toil’ as an tìr ’s an d’ rugadh, ’us an d’ àraicheadh iad; ach bhiodh e chum mòr bhuannachd do mhìltean, nan rachadh iad le an toil féin do na ceàrnachan ud. Tha iad a nis gu lìonmhor anns a’ Ghàidhealtachd a’ crùban o bhliadhna gu bliadhna ann am bothain chumhann, dhorcha, neo-sheasgair air iomadh dòigh. Tha iad a’ cur seachad an làithean ann an saoithreachadh gruinnd glé neo-bhrìghmhor, nach toir ach beag toraidh uaith; agus an uair a thig làithean na h-aoise, gu minic cha-n ’eil ach bocsa-nam bochd—an Sgireachd, mar chùl-taic’ aca. ’S a bhàrr air a so uile cha-n ’eil aca ’am bitheantas aontadh no còir air an làraich. Tha iad o bhliadhna gu bliadhna air ‘cloich an turramain,’ gun fhios air bith nach cuir a’ cheud Chuingis gu imrich is allaban iad. Is ro mhòr an diubhar eadar an cor bochd so agus cor socair, sàsda muinntir Nova Scotia, Prince Edward Island, Chanada, no Australia. Ach cha robh cor Nova Scotia air dhòigh air bith taitneach an uair a chaidh Seumas Mac Griogair do ’n dùthaich. Bha lìonmhoireachd Ghàidheal ann: ach bha iad sgapta fad o chéile. Bha iad neo-chleachdta ris an obair a thachair orra—a’ gearr- [TD 207] [Vol. 10. No. 27. p. 7] adh sìos nan craobhan mòra, chum an grunnd a réiteachadh air son pòir—agus car bhliadhnachan, gus an d’ fhàs iad eòlach air an obair, air an t-sìd, ’us air àrach spréidhe, dh’ fhuiling iad mòran an-shocair air iomadh dòigh. Cha robh eaglais no tigh-sgoile air a chur a suas an uair a ràinig an duin’ eudmhor agus blàth-chridheach so a luchd-dùthcha, ’s a’ bhliadhna, 1780. Ach chaidh e mu ’n cuairt o thigh gu tigh ’s o bhaile gu baile, a’ searmonachadh Soisgeil Chriosd le mòr dhùrachd. Bha e ’coiseachd thar sneachd o thrì gu ceithir a throighean air doimhneachd: ach is ann le brogan-sneachda, mar a theirear riuth—bonn-bhrogan de bhùird ro fhada, agus leathann—a bha e ’g a dheanamh so—dòigh astair ro chlaoidhteach. Gu minic cha robh leaba aige ach sop cònnlaich air an ùrlar mu choinneamh an teinntein, agus b’ ainmic a gheibheadh e biadh a b’ fhearr na buntàta, agus iasg glas. Thàinig e troimh iomadh cruadal: ach cha do ghéill e ann an eud, no misneach, no slàinte. Chaidh e air aghaidh gu dìleas, agus gu deòthasach car naoi bliadhna mu-n d’ ràinig Ministeir Criosduidh eile de sheòrsa air bith crìochan Phictou. Aig an àm so bha cùisean air dol mòran ’am feabhas feadh na dùthcha anns gach dòigh. Chaidh an sluagh gu mòr ann an lìonmhoireachd, agus thàinig iad air an aghaidh ann an teachd-an-tìr. Shoirbhich àiteach ’us malairt, agus shuidhich bailtean ’nam measg a tha an diugh ’nam bailtean mòra, agus inbheach air gach dòigh. Lean Seumas Mac Griogar air ’obair le dùrachd ann an làithean an t shoirbheachaidh mar ann an làithean a’ chruadail, gus an do ghairmeadh ’o ’shaothair gu fois shìorruidh e ’s a’ bhliadhna 1830, aig aois aon-deug ’us trì fichead bliadhna, (71). Bha e ’n a ni ro chliùteach do ’n duine so gu robh e, cha-n e mhàin ’n a shearmonaiche dùrachdach, ach gu ’n do ghléidh e suas, ’s gu n do mheudaich e gu mòr am fòghlum a fhuair e ’s an àrd Oil-thigh ’an làithean òige. Sgrìobh e leabhraichean Beurla a choisinn urrad chliù as gu-n d’ rinneadh Ollamh, no D. D. dheth. Ach is ann air son a’ Ghailig gu h-àraidh a tha mi ’toirt iomraidh air. Chuir e a mach laoidhean fo ainm ‘Dàin a Chòmhnadh Cràbhaidh’ a tha ro shoisgeulach ’n an teagasg, agus ro bhlasda ’n an cainnt. Bha e ’n a fhìor Bhàrd: agus is ann le tlachd ’us aoibhneas a bha e, ann an siubhal choilltean, ’us fhàsach, a’ gleusadh a chruit-chiùil gu àrd-mholadh Dhé a sheinn ann an seana chànainn nam Beann. Rinn a laoidhean mòr-fheum do dh’ iomad anam, agus tha mi ro thoilichte fhaicinn gu bheil feadhain, a dh’ fhàg e sgrìobhte, air an cur a mach aig an àm le Mr. A. Mac-Gilleain Mac-na Cèarda, a tha ’n a mhinisteir ro mheasail ann an America mu Thuath, agus ’n a shàr sgoileir Gailig. Maille riu so tha àireamh de laoidhean glé bhinn, blasda agus Soisgeulach, le Iain-Mac Gilleain, a bha aon uair ’n a Bhàrd aig Tighearna Chola. Chuir an duin’ uasal ceudna a mach o cheann ghoirid òrain leis a’ Bhàrd cheudna, agus lìonmhoireachd le Bàird eile a bha beò o cheann linn no dhà. Tha iad so uile làn-ghlan, geanmnaidh, a’ moladh fìrinn, onoir, stuaim, suairceis, ’us caoimhneis; a’ cur fa ’r comhair mòran de ’n fhiughantas, ’s de ’n dìlseachd a bha aon uair am measg chlanna nan Gaidheal. Tha a luchd-dùthcha fo mhòr chomain do Mhr. Mac-na-Cèarda, agus bhiodh e gu buannachd araon dhoibhsan agus dhàsan nan ceannaicheadh ’s nan leughadh iad na leabhraichean so. Ach is cùis bhochd a th’ ann, ged is tric leis na Gàidheil a bhi ’gearan mu dhearmad a bhi air a dheanadh orra féin ’s air an cànainn, gur ainmic a cheannaicheas iad leabhar Gàilig dé air bith co maith ’s a tha e. Fagaidh Mi an Gleann. Fàgaidh mi an Gleann, Falbhaidh mi ’s mo thogair, ’S theid mi measg nan Gall, Dh’ fheuch am faigh mi obair. Eadar Calum ’s Eoghann, Mor is Seonaid Eachainn, Tha mo chor-sa searbh— Falbhaidh mi ’s a’ mhaduinn. ’Nuair fhuair mi air mo dhoigh ’S mo bhrogan air an glanadh, Thog mi orm gu foil A chomhradh ri mo chaileig; Chur i car ’na sroin, ’S thuirt i rium ’bhi tarruing, Gu ’n dug ise boid A bhi mor le Calum. Dh’ fhàs mo chridh’ gun treoir, ’S thainig sgleo mu ’m shealladh, ’S thug mi mionnan mor, Ged nach coir an aithris, Ma bhios mise beo ’S treoir a bhi ’nam chnamhan, Biodh e beag na mor, Bidh a shron gu talamh. An uair a bha mi og, Is seocail air mo chasan, Gheibhinn ceithir na coig, Is an corr na ’n gabhainn; Ach o’n thain’ an aois, ’S caochladh nach gabh falach, Fàgaidh iad mo thaobh, ’S roghnaichidh iad Calum. Ach coma leam co-dhiu, Tha ’n diubhail nis air tachairt, Gheibh mi bata ’s cù, ’S theid mi thun na faighir, Theid mi dhireadh stùchd, ’S siubhlaidh mi na sraithean, ’S meallaidh mi té ùr, Mach o ghlùn a h-athar. Ged tha mi air mo leon, Cha choir dhomh bhi fo smalan, Leigh’sidh mi fadheoidh, Cha mhair an doruinn fada; Thug iad dhiom mo chot’ ’S leig mi leo mo dhrathais, Ach bitheams’ air mo dhoigh ’S gheibh mi leodag fhathast. Nis soraidh leo an dràsd, Tha ’m bàta tighinn ’an sealladh, An ni a bhios san dàn, ’S e is àbhaist tachairt, Theid mi thar a’ chaoil, Null ri taobh na mara, Far a bheil mo ghaol, Caileag aoidheil, bhanail. Caileag laghach, chiùin, Mar a mùgh i fhathast; ’S mar a dean i cùis, Nach ’eil an dùthaich farsuing? Gheall i dhomh ’na thràth, Air na bha ’s na bhitheadh, Gu ’n dugadh i dhomh a làmh, ’N là bhiodh i fichead. AONGHUS OG. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 208] [Vol. 10. No. 27. p. 8] Cumha Do Shim Og Domhnallach, Mac-Mhic-Dhughaill Mhor-thir, a mharbhadh ’s a bhliadhna 1812 le urchair thubaistich bho ghunna fhein. LE IAIN MAC-GILLEBHRATH, AM PIOBAIRE. ’S tric mi ’tionndadh am leabaidh, ’S gun mo dhùil ris a chadal; ’S beag an t-ioghnadh sud ’s m’ aigneadh cho cràiteach. Fhuair mi sgeula ’sa mhaduinn ’Thromaich éislean fo m’ aisnean; ’S cha tuig leigh no fear m’ fhaicinn mar tha mi; Gun do chiuradh am faillean ’Bh’ air friamh dùthchais nam meangan; Craobh a b’ ùire ’measg dharag a ghàraidh. Mile marbhphaisg air ’n t-saoghal, ’S mairg a bheireadh ro ghaol da, ’S nach h-’eil arm de na daoin’ ach an sgàile. ’S tric ar n-uaighean ga ’n cladhach, ’S uainn ar n-uaislean ga ’n taghadh; ’S grad a bhuaineadh oirnn ragha nan àghan. Mhic-’Ic-Dhughaill o ’n Ghainmhinn, O bhun stùc beinn an t-sealgaich, ’S goirt a chunntadh an aimsir so ’d chàirdean. Gnùis a b’ àillidh r’a sireadh, Sùil bu bhlàithe gun tiomadh, ’S deacair ’àireamh aon ghin a thug bàrr ort. Alach prionnsail a chruadail, Sgathan-sampuill na h-uaisle, ’S goirt ri ’chluinntinn gun d’ sguabadh do làrach. ’S beag an t-ioghnadh do dhìslean A bhith tursach na ’n inntinn, ’S gum bu mhùirneach a chìs ’thug am bàs dhiu. ’Chraobh a’s faide fo fhriamhaich Gur h-i ’s aithghearra ’chrionas; ’S tric ’tha tobraichean fior-uisg’ a tràghadh. ’S iomad latha mor meadhrach, Air bharr aighir is greadhnais, ’Thug na maithibh an teaghlach na Tràigh ud. Mo chreach leir Clann Mhic Dhughaill, ’S iad mar choill air a rùsgadh; Co ’nis sheasas an cùis an àm gàbhaidh? Bhon a dh-fhalbh an sgiath dhidinn ’Bha na ’dion aig an sinnsribh,— Iuchair ghleidhte nach diobradh na ’n càs iad. Nam b’ e iomairt no eucoir Leis an deachaidh do chreuchdadh, Air mo laimh nach biodh t’ eirig gun phàigheadh. ’S lionmhor curaidh deas, dealbhach, ’Rachadh ullamh g’a dhearbhadh, ’Sheasadh duineil fo airm an am tàirgne. ’S ann diu fior shliochd do thaighe, ’Rachadh sios leat gun athadh, ’Dheanadh gniomh an àm crathadh na stàilinn. Agus Morair sin Shléite, Air bharr corra-ghleus nuair ’dh’ fheumadh, Le laoich fhoirmeil nach geilleadh ’n àm gàbhaidh. ’S laidir gaisgich Chlann-Raonuill, Mar bharr lasrach a’ t’ aobhar, ’S cha b’ e b’ fhasan dhaibh claonadh ’s na blàraibh. Oighre Chnoideart a bharraich, Da ’m bu choir a bhith fearail,— ’s cian a sheors’ am bun Gharaidh an tàmhachd. Sin is foirmidh na ’choinnimh, Sliochd Iain Oig as na Gleannaibh, Bhiodh ga d’ chomhnadh le barantas làidir. Mar choin shealgach air lomhainn, No barr gailbheinn is reothairt, Comhlan borb Ghlinne-Gomhan ’sa Bhràighe Ach de ’m fath bhith ga d’ shireadh, No bhi deurach mu d’ milleadh, ’S nach till treun-fhir a chruinne gu bràth thu. ’S trom na ’s fheudar a ghiùlan, ’S goirt gach creuchd mar a’s ùire, Ged is goirid ar n-ùine ’san fhàsach s’. Ach ’s e ’s cuibhe dhuinn striochdadh Leis gach ni ’bheir a chrioch oirnn, ’S a bhith ùmhal fo riaghladh an Ard-Righ. ’Fhir ’thug Iob as a phiantaibh, ’S a thug Pol as na h-iaruinn, Nochd dhuinn solas gun chrioch ann am Pàras. ’S e bàrd math a bha ’sa Phiobair Mac-Gillebhrath. Is aobhar cliù e do gach aon a bhuineas da agus d’ a chinneadh. Bha e na ’Ghàidheal gu chùl, mar a bha a dhlùth chàirdean, Mr Raonall, sagairt Arisaig, agus Mr Anndra, sagairt Liosmoir. Tha e na ’ghnothach bochd nach rachadh orain a Phiobaire a chruinneachadh ’s a chur am mach ann an leabhrachan. GLEANN-A-BHAIRD. Rainn de Sheann Orain. FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN,—Tha e air innseadh gu ’n deachaidh na rainn a leanas a chur ri cheile le bana-bhàrd, aig àm a thainig an Crann air a fear-posda, a mac, agus a bràthair. Ghearain i ris an àrd-cheannard, gu ’m bu chruaidh a chùis gum biodh an triùir bu dilse dhith air an toirt uaipe airson an airm, agus i bhi air a fàgail na h-aonar. Gheall e dhith, na ’n deanadh i ’n toiseach oran anns nach biodh facal bréige, agus a rithist oran anns nach biodh guth firinn, gun tugadh e na daoine air ais dhith mar thuarasdal. Cha ’n ’eil agam ach pàirt dhe gach oran; ’s bhiodh luchd-leughaidh MHIC-TALLA ann a Waipu gle thaingeil na ’m b’ urrainn thu ’n dà oran a thoirt dhaibh coimhlionta. ’S e so na rainn fhirinneach:— Teine ’ga fhadadh an loch, ’Bhi tiormachadh cloich an cuan, Comhairle ’thoirt air mnaoi dhùr Mar bhuill’ ùird air iarunn fuar. Diubhaidh connaidh fearna fliuch, Diubhaidh na sìne flich reothadh, Ach gus an tig an dìle steach, ’S e diubhaidh an domhain droch bhean! Tha na rainn bhreugach mar a leanas:— Chunnaic mi na partanan A’ danns’ air an làr-fhasgnaidh, Agus té dhiubh ’s slatag aic’, ’S i cur am mach nan caorach. ’S chunnaic mi na donnagan Is cuallan mora connaidh orr’; ’S an fhaochag anns an donnalaich A falbh is dronnag fhraoich oirr’. Chunnaic mi na sùlairean ’Toirt feur do laoigh a chùbair; ’S a chuthag is gu-gùg aice, ’S i criomadh sùil na caorach. Mhill “gu-gùg” na cuthaig an t-oran briagach, ach fhuair i a roghainn as an triùir, agus thagh i a bràthair, is thuirt i:— Ma ’s a beo mi gheibh mi fear, ’S ma gheibh mi fear gheibh mi mac; ’S bho nach faigh mo mhàthair mac, ’S e mo bhràthair ’s fearr leam ac’. Mu dheireadh fhuair i ’n triuir leatha, ach ghabh a fear-posda tàmailt, ’s cha tilleadh e. EARRAGHAIDHEAL. Waipu, New Zealand. Teirgidh gach ni ri ’chaitheamh, ’S a bhi ’g a chaitheamh gu minig; ’S an ni sin nach caithear, Ged nach caithear gu ’n teirig; Bho ’n a theirgeas gach nì gun chaitheamh, Grathunn mu ’n tig am bràth; Is còir gach nì a chaitheamh, Mu ’n caith e fhéin as a thàmh. Na dean Mearachd Rubbers DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR air na prìsean a’s ìsle ann an —STOR— REDDEN, Ross Block, Sidni. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., —LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnchaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid. D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies”dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. [TD 209] [Vol. 10. No. 28. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol.X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 11, 1902. No. 28. Turus Ruairidh do’n Exhibition. FACAL AIR AN FHACAL MAR A CHUALAS UAITHE FHEIN. I. CHA teid an turus a thug mise do Ghlascho air a’ bhliadhna so as mo chuimhne fhad ’s a bhios mi air talamh nam beò. Agus o ’n a tha toil agadsa, ’dheadh charaid, fios fhaotainn air mar a thachair dhomh air mo thurus, agus air na chunnaic ’s na chuala mi, bheir mi dhut gearr iomradh air; ach cuimhnich gur e gearr iomradh a bhios ann, oir ged a bhithinn-sa cho math gu beachd a ghabhail air na seallaidhean iongantach ud ri duine ’sheas riamh ann am bròig leathair, agus cho math cuimhne ri duine ’bha riamh beò, cha rachadh agam air trian dhe na chunnaic ’s a chuala mi a thoirt fa near agus a chumail air chuimhne. Ged a bha thusa gle eolach ormsa an uair a bha sinn le cheile òg, gòrach, agus baoth, tha iomadh bliadhna o nach fhaca sinn a cheile. Is iomadh car a chuir an saoghal dheth o ’n àm anns àm bu ghnath leamsa, agus leatsa ’bhith ’g iomain air a’ mhachaire lom, reidh ri solus na gealaich, agus sinn gun chùram gun smuain mu dheidhinn na bha romhainn dhe ar beatha. Mar is minic a thachair, chaill sinn sealladh air a cheile mu ’n gann a rainig sinn aois fearachais; agus o ’n a thachair gu ’n robh ar crannachur gle eadar-dhealaichte ann an iomadh dòigh, agus a thaobh gu ’n robh sinn o chionn dlùth air da fhichead bliadhna far nach robh e ’n comas dhuinn a cheil’ fhaicinnn, cha bhiodh as an rathad dhomhsa beagan innseadh dhut mu dheidhinn a’ chogaidh a bh’ agam ris an t-saoghal o ’n a chunnaic mi thusa mu dheireadh. Tha fhios agamsa air gu leor mu d’ dheidhinn sa, ged nach ’eil fhios agadsa air a’ bheag sam bith mu m’ dheidhinn-sa. Agus faodaidh tu mo chreidsinn an uair a tha mi ’g innseadh dhut nach ’eil fear eile an diugh beò do ’n innsinn mo naigheachd cho saor ’s a tha mi ’dol g’ a h-innseadh dhutsa. Tha mi ’creidsinn gu ’m bheil cuimhne mhath agad fhathast air an àm anns an robh sinn a’ dol do ’n sgoil; agus tha fhios aig an fhortan nach robh ann ach ainmeachas sgoile. Bha am maighstir-sgoile, mar a bha na sgoilearan—cearta coma ach an latha ’chur seachad. Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu ’n robh fear eile dhe na sgoilearan a leith cho coma dhe ’n sgoil ’s a bha mise. Cha robh mi deònach leabhar ’fhosgladh aon chuid anns an taigh-sgoile, no ann an taigh m’ athar. B’ fhearr leam gu mor a bhith ’falbh air mo thoil fhin timchioll a’ chladaich, no air feadh a’ mhonaidh ag iarraidh nead, na bhith anns an sgoil, ged a dh’ fhaodas mi radh gu ’n robh mo thoil fhin agam anns an sgoil mar a bh’ agam an àite sam bith eile. Tha fhios agadsa gur ann mar so a bha, ach is docha gu ’n do leig thu air dichuimhn e. Ach cha do leig mise air dichuimhn e; oir tha mo ghòraiche agus mo mhi-chùram anns an *Paipear, leis an Urr. Iain Mac Ruairidh, a chaidh a leughadh aig aon de choinneamhan Comunn Gàilig Inbhirnis o chionn ghoirid, agus a thaitinn gu sàr-mhath riuthasan a bha làthair. àm ud a’ cur dragh air an inntinn agam gus an latha ’n diugh, ged a tha fhios agam gle mhath nach toir dragh is dorran mu ’n àm a dh’ fhalbh atharrachadh sam bith air na chaidh seachad. O nach robh facal sgoile aig m’ athair, no aig mo mhàthair, cha robh iad a’ faicinn gu ’n robh sgoil gus a bheag a dh’ fheum a dheanamh dhomhsa. Cha robh duine sam bith ach fior dhuin’ ainneamh a’ smaointinn aig an àm ud gu ’n robh sgoil a chum feuma sam bith do dh’ fhear saoithreachaidh fearainn. Cho luath ’s a b’ urrainn mi obair a dheanamh, b’ fheudar dhomh tòiseachadh ri obair. Ach an uair a thainig mi gu rudeiginn gliocais, agus a dh’ fhàs mi mor, cha robh saoithreachadh an fhearainn agus gach obair eile a bha ri deanamh, a’ còrdadh rium idir. Thòisich mi ri cur romham gu ’m falbhainn gu cosnadh air choireiginn do ’n Ghalldachd, no thun an iasgaich mar a bha fear is fear eile dhe m’ sheòrsa ’deanamh; ach gu mi-fhortanach dh’ fhàs m’ athair tinn aig an àm, agus leig mi as mo cheann falbh o ’n taigh an dùil gu ’n rachadh e na b’ fhearr. Agus ged a chaidh e na b’ fhearr beagan, cha do chuir e riamh dheth an tinneas a bh’ air. Mu ’n d’ thainig ceann na bliadhna dh’ eug e. Bha mo mhàthair aig an àm ud, mar a bha i àireamh bhliadhnachan roimhe sid, gle bhreòite. Agus o nach robh beò dhe ’n teaghlach ach mi fhin is aon phiuthar, smaoinich mi gu ’m b’ e mo dhleasdanas leantail ris an taigh ’s ris an fhearann fhad ’s a bhiodh mo mhathair beò. Mu ’n d’ thainig ceann bliadhna an deigh bàs m’ athar, phòs mo phiuthar. Cha bu luaithe ’phòs mo phiuthar na thòisich mo mhàthair ri mo chur gu pòsadh. An toiseach, cha robh mi deònach a comhairle ghabhail; ach mu dheireadh, cha robh dol as agam. Chunnaic mi nach robh rathad agam air gnothaichean a chumail ann an òrdugh mar bu mhath leam am freasdal searbhanta. Agus o ’n a bha ’n te a bha mo mhàthair ag iarraidh orm a phòsadh a’ tighinn a reir m’ inntinn fhìn anns gach dòigh, phòs mi i. Fhuair sinn seachdnar chloinne. Ach chaill sinn triùir dhiubh an uair a bha iad òg. Chaill sinn dithis ghillean anns a’ ghriùraich anns an aon earrach—fear dhiubh coig, agus am fear eile tri, bliadhna. Agus cha ’n ann a chionn gu’m bu leamsa iad, ach cha b’ aithne dhomh dithis eile dhe ’n leithidean anns an dùthaich. Chuir bàs na cloinne so, agus cha b’ ioghnadh e, tilleadh mor annam fhin agus anns a’ mhnaoi. B’ iad a b’ òige dhe ’n teaghlach, agus uime sin bha sinn uile ’g an caoidh anabarrach mòr. Chuir mi romham aig toiseach mo thòisich gu ’n tugainn sgoil is ionnsachadh do m’ theaghlach. Thachair gu fortanach gu ’n robh deadh mhaighstir-sgoile faisg oirnn. Ged a b’ e Domhnull am mac bu shinne, agus a’ cheud chuideachadh a bha gu tighinn orm, chuir mi romham gu ’n cumainn gu riaghailteach anns an sgoil e, a chum gu ’n rachadh aige, nam biodh e fhein glic, air faotainn troimh ’n t-saoghal gun a bhith sàs ann an gibean bochd fearainn, no ri obair shalach sam bith eile. Agus cha ’n ’eil aithreachas sam bith orm an diugh air son sid a dheanamh; oir bha e ’na sgolair math, agus bha e iomchuidh, glic, cùramach, deanadach, gun chosgais gun stròdhalachd sam bith. Tha àireamh bhliadhnachan o ’n a chaidh e do Ghlasacho, far an d’ fhuair e àite-cosnaidh anabarrach math. Ach tha mi ’faicinn, a charaid, gu ’m bheil thu gabhail fadachd nach ’eil mi ’g innseadh dhut mu mo thurus. Mur b’ e sin dh’ innsinn dhut moran mu thimchioll mar a bha mi ’cothachadh an t-saoghail. Mu ’n teid mi air aghart le mo naigheachd mu dheidhinn mo thuruis, faodaidh mi innseadh dhut gu ’n robh gnothaichean gle chruaidh orm fhin ’s air a’ mhnaoi fad iomadh bliadhna. Chuir sinn romhainn nach biodh eis sam bith air a’ chloinn, ciod sam bith mar a dh’ eireadh dhuinn fhin. Fhuair iad uile deadh sgoil, agus cha robh eis beidh no aodaich orra; agus bha am màthair ’g an cumail gle ghlan, sgiobalta. Ach air a shaillibh so, bha sinn fhin le cheile iomadh uair gun an t-aodach uile slàn mu ar druim. Fhuair sinn as a chionn sin, agus faodaidh sine a nis a dhol am mach air Sàbaid ’s air seachdain cho sgiobalta ’s cho glan ri h-aon sam bith dhe ar coimhearsnaich. B’ àbhaist do Dhomhull a bhith tighinn dhachaidh fad seachdain no deich latha a h-uile bliadhna. Ach am bliadhna, chuir e fios nach robh ’na bheachd tighinn dhachaidh idir, o ’n a bha toil aige gu ’n rachainn-sa ’mach a dh’ fhaicinn nan ioghnaidhean mora a bh’ ann an Glasacho. Cha robh mi an toiseach deònach a dhol do Ghlasacho idir. Bha mi ’g radh nach robh gnothach sam bith aig mo leithid-sa de sheann duine aig nach robh ach gann facal Beurla a dhol do ’n bhaile mhor idir. Ach laidh a h-uile duine ’bha staigh orm gus a dhol ann, agus thuirt iad rium nach b’ eagal dhomh, ged nach robh Beurla gu leòr agam gu ’n robh Gailig gu leor aig Domhull. Mu dheireadh, an uair a bha ’bhean ’g am chomhairleachadh gu falbh, dh’ aontaich mi gu ’m falbhainn. Sgriobh Domhull g’ am ionnsuidh, agus thuirt e gu ’n robh e ’dol a chur deise ugam o lar gu mullach gus a bhith umam air mo thurus. Agus thuirt e gu ’m faodainn falbh leis an ‘train,’ no air a’ Chlaidheamh-mhor, nam b’ e b’ fhearr leam. Chuir e airgiod ugam gus mo bhòrd is m’ fharadh a phaigheadh. Agus thuirt e gu ’m feumainn, nam b’ ann air a’ Chlaidheamh-mhor a dh’ fhalbhainn, mo bhiadh ’s mo leaba ’ghabhail anns a’ chàbin mar a dheanadh na h-uaislean eile a bhiodh air bòrd. Chuir mi romham am muigh ’s am mach nach fhalbhainn leis an ‘train’. Bha mi a chionn fada cluinntinn gu ’n robh moran air am marbhadh leis an ‘train’; agus ged a chaidh mi troimh iomadh cruadal agus cruaidh-chas a’ togail mo theaghlaich, cha robh iarraidh sam bith agam air falbh as an t-saoghal so gus am b’ fhior fheudar dhomh; agus mar sin, chuir mi romham gu ’m falbhainn leis a’ Chlaidheamh-mhor. Bha ’n deise ’chuir Domhull g’ a m’ ionnsuidh a cheart cho freagarrach dhomh ’s ged a dh’ fhàsadh i umam. B’ e ada bhog dhe ’n t-seòrsa a bhios na ministearan a’ caitheamh a chuir e g’ am ionnsuidh, oir bha fhios aige gur i bu sholta ri mo cheann. Agus bha na botunnan a chuir e ugam cho freagarrach dhomh ’s a dh’ iarrainn. Agus o ’n is ann ri radh riutsa e, cha deachaidh deise cho math sid mu m’ chroit riamh roimhe. [TD 210] [Vol. 10. No. 28. p. 2] Gu fortanach bha lath’ anabarrach briagh’ ann an uair a ghluais mi o ’n taigh gu falbh. Dh’ fhàg mi beannachd aig a mhnaoi ’s aig a chloinn mar gu ’m bithinn a’ dol a dh’ fhalbh as an rioghachd. An uair a rainig mi ’n cladach bha ’m bàta a bha gus ar n-aiseag thun a’ Chlaidheamh-mhoir a’ faotainn deiseil, agus gun dàil chaidh sinn a steach innte; oir bha ’n Claidheamh-mor air tighinn ’n ar sealladh. Cha robh i tiotadh a’ tighinn do ’n acarsaid. Agus an uair a rainig sinn a’ chliathach aice, bha ioghnadh gu leòr orm cia mar a chaidh aig daoine air a cur air bhog an uair a rinneadh i. Cha bu luaithe fhuair mi air bòrd na thainig duine air an robh coltas fior chaoimhneil far an robh mi, agus thuirt e, agus fiamh gaire air a ghnùis: “Cia mar a tha sibh an diugh, a Ruairidh? Nach briagh’ a’ mhadainn a th’ ann?” Bha deise bhriagha ghorm air, agus da shreith de phutain bhuidhe anns an t-seacaid aige, agus bha stiom de dh’ aodach oir mor-thimchioll a chunnaic a bha m’ a cheann. Thuirt mi ris an uair a chuir e failte orm: “Tha ’n cothrom agaibh orm, a dhuine chòir; cha ’n ’eil mi ’g ’ur n-aithneachadh.” Anns an fhacal, co ’fhreagair ach Seumas Mac-an-Toisich, gille còir, gasda air an robh deadh aithne agus deadh eòlas agam mu ’n d’ falbh e thun na Galldachd. “So agad, a Ruairidh, sgiobair a’ bhàta,” ars’ esan; “agus tha e gle eòlach air Domhull.” “Tha mi ’g iarraidh mathanais oirbh, a sgiobair,” arsa mise; “cha robh fhios agam co sibh.” Cha ruig mi leas na bha de chomhradh agam ris an sgiobair chòir innseadh dhuibh; ach faodaidh mi radh gu ’n do thog mo chridhe ris, cha b’ ann a mhàin a chionn gu ’n robh deadh Ghàilig aige, ach mar an ceudna a chionn gu ’n robh coltas cho aoidheil ’s cho tlachdar air a ghnùis. (Ri leantuinn). Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN, CAIB. II. NAIGHEACHD A’ CHIOBAIR. DHUISG Eachunn ’athair gun mhaille, ’s fhad ’s a bha e g’a fhuasgladh dh’ innis e dha mu Mhaili. Gun dàil sam bith thog iad leotha ’m biadh, ’s le cuideachadh an t-soluis fhuair iad am mach, agus fhuair iad na h-airm mar a dh’ innis Maili aig beul na h-uamha. An uair a fhuair iad gach ball ’na àite fhein mhùch iad an solus, agus ghluais iad cho fàillidh ’sa dh’ fhaodadh iad air falbh o’n àite. Cha robh e idir soirbh ach do dhuine eòlach faighinn as. Ach an deigh iomadh cuartachadh, moran astair, agus iomadh sàbhaladh caol mu na bearraidhean, rainig Domhull Ciar ’s a mhac bothan ciobair mu bhristeadh an latha. Ged a bha ’n uair tràth bha ’n ciobair air a chois, agus an deigh sùil amhrusach a thoirt orra, feuch an tuigeadh e ’n robh iad sìtheil, dh’ fhàiltich e gu cridheil iad, ’s chuir e ’bhean air a cois gus biadh a dheasachadh. An uair a dh’ innis iad mar a dh’ éirich dhaibh, fhuair iad barrachd fiosrachaidh o ’n chiobair mu fhir na h-uamha. “Faodaidh mi ràdh,” ars’ an ciobair, ’n uair a las e ’phiob, “nach ’eil fios aig duine beò a mach o’n àite air àite-comhnaidh Ruairidh Ghlais ’s a theaghlaich, ach agamsa na ’m aonar, agus aig béisd caillich a fhuair am mach e o chionn ghoirid, ris an’canar Muime-na-h-àiridh. Tha fios aca gu bheil mise dìleas dhaibh. Agus innsidh mi dhuibh mar a fhuair mi le tuiteamas an uamha, agus maraon na ’s fhiosrach mi mu bheatha Ruairidh fhein. O chionn bliadhna no dha chaidh mo ghobhair air chall suas a bheinn; dh’ fhalbh mi g’ an sireadh, agus ’s e bun a bh’ ann gun deach mi-fhìn air seacharan mar an ceudna. Bha mi falbh o bhearradh gu bearradh, feuch an aithnichinn c’ àite ’n robh mi, ach mu dheireadh thuit ceò trom ’s chaidh mi na ’m bhreislich. Rinn mi astar mor ’s mi na ’m ruith a chuid bu mhotha. Faisg air dol fodha na gréine thog an ceò, agus air dhomh creag mhor ghlas fhaicinn os mo chionn, rinn mi dìreach oirre, agus thòisich mi air streap suas na mullach, feuch dé chithinn no ’n aithnichinn c’ àite ’n robh mi. Ciod a b’ iongantaiche leam, ’n uair a bha mi gus a bhi aig a mullach, na plathadh de ghaoith bhlàth fhaireachdainn na m’ aodann. Sheall mi le ioghnadh agus eagal gu geur mu ’n cuairt, agus chunnaic mi fosgladh beag ’sa chreig fodham, agus toit gu dian a brùchdadh am mach, ach a thaobh gu ’n robh ’n toit ’sa chreag dhe ’n aon dath cha ’n fhaca mi e gus ’n do theab e mo thachdadh. Leis an uamhas a ghabh mi, chaill mi mo ghreim, ’s chaidh mi sios car ma char ris a chreig; agus cha bu lugha m’ eagal nuair a fhuair mi mi-fhìn gu teann, cruaidh an gairdeanan seann fhuamhaire mor, glas aig a bonn. Thog e leis mi mar gu ’m bu phàisde mi, gun ghuth a ràdh, agus bha e deanamh dìreach air a bhearradh aognaidh a bha dluth air son, is docha, mo chur ris a chreig, ’n uair, gu fortananach dhomhsa, dh’ fhuasgail a ghreim iarnaidh, ’s thuit a lamhan ri chliathaich, ’s thuit e air an talamh mar neach marbh. Leum mi air mo chois, ’s an ath shùil a thug mi chunnaic mi caileag òg, àluinn a’ tighinn am mach as a bheinn. Ruith i ’dh’ ionnsuidh an t-seann duine agus chuir i craicionn caorach fo cheann. Bha mise cinnteach a nis,” ars’ an ciobair, “gu ’m bu shìthichean iad, agus thòisich mi ri gabhail rann a dh’ ionnsuich mo sheanamhair dhomh air son faighinn as an làmhan. An uair a chual’ a chaileag mi thainig fiamh gàir’ air a gnùis bhòidhich, ’s a cromadh thog i slatag bheag dhubh a thachair rithe, agus thug i buille bheag dhomh ’s a cheann, ag ràdh, ‘Na bi na d’ dhuine na ’s fhaide, ach bi na d’ chù stubach, ruadh!’ Chaidh crith orm le eagal is uamhas. Thog mi mo dha laimh, ’s mi smaointean ’s a toirt a chreidsinn orm fhin gun robh iad a tionndadh na ’n spogan coin, agus an ceann tiotaidh ’s ann a bha car de dh’ ioghnadh orm nach robh atharrachadh cruth a tighinn orm. An uair a chunnaic a chaileag an coltas a bh’ orm, ’s mi dur-bheachdnachadh orm fhìn, rinn i lasgan gàire agus thuirt i, ‘Cha chreid mi-fhìn nach ’eil thu duilich nach do thionndaidh thu na d’ chù stubach, ruadh! Am bheil thu fhein cho faoin ’s gu ’m bheil thu ’creidsinn ann an sìthichean?’ “’Ma ta,’ arsa mise, ‘tha feadhainn a’s glice na mise ’creidsinn ’s na sìthichean; agus chuir thusa crith ormsa. A dh’ innseadh na fìrinn, tha leth dhùil agam a bhi ’comhartaich fhathast! Ach ma bhuineas sibh do ’n t-saoghal so, co sibh?’ “’An cuala tu iomradh riamh air Ruairidh Glas ’s a chuid mhac?’ ars’ ise. ‘Sin e agad; agus is nighean dha mise. Tha ’n tinneas tuiteamach air,’ ars’ ise, ’s i ’g amharc air le bròn, ‘’s tha eagal orm gu ’n cuir e crìoch air air na bearraidhean so gun dàil. Bidh e na ’s miosa ma thig e air le feirg, mar a thàinig e nis, oir ghabh e ’n riochd nàmhaid thu. Ach cha chreid mi nach tu ’n ciobair aig am bheil bothan air an taobh eile dhe ’n bheinn. Chunnaic mi thu uair no dha ged nach fhac’ thusa mise. Ach thig a stigh do ’n uamha, ’s cinnteach gu bheil thu acrach, feuch cia mar a chòrdas biadh nan sìthichean riut.’ “Thug i dhomh deagh bhiadh làidir, agus sheall i dhomh gach ioghnadh mu ’n cuairt, agus bu bhòidheach an sealladh an’ dol fodha na gréine. Sheall i mar an ceudna dhomh Uamha ’Chinn Deirg, ainm a fhuair i a thaobh ’s gun robh creag mhor, dhearg aig a beul air chumadh ceann duine. Chuir mi seachad an oidhche ’san uamha, agus fhuair mi ’mach o Ruairidh Glas an t-aobhar a thionndaidh e fhein ’s a chuid mac o dhaoine sìtheil gu bhith na ’n creachadairean ’s na ’m fògaraich ’sna daighnichean garbha ’thog nàdar dhaibh ’sa bheinn. Bha Ruairidh Glas a comhnaidh air fearann a bhuineadh do dh’ Fhear Strath Challtainn ’s a bhliadhna 1715. B’ e so a bhliadhna dh’ eirich Iarla Mhair air taobh athair a Phrionnsa. Bha Ruairidh Glas ’na dhuine òg ’san àm, agus bàigh aige ris na Stiubhartaich, ’s mar sin chaidh e ’mach fo bhratach Mhair, ged a bha Tighearna Strath Challtainn fhein ’na aghaidh, agus gu math diumbach de Ruairidh o nach do lean e e-fhein. ’S e duine nimheil, guineach a bha ’n Strath Challtainn, nach toireadh mathanas do neach a rachadh ’na aghaidh gu bràth, ’s mar sin an uair a thàinig sìth b’ fheudar do Ruairidh cairtealan eile fhaotainn. Phòs e ’s chaidh e air ceann taighe dha fhein, fad o nàmhaid, ’s bha dol leis gu math fad dheich bliadhna. Aig an àm sin thoisich monabur beag cogaidh a rithist. Agus aon latha thainig buidheann dhaoine ’bhuineadh do Shrath Challtainn agus chreach is loisg iad dachaidh Ruairidh mu cheann a mhnatha òig, ’s gun e fhein aig taigh. An uair a thainig Ruairidh bochd dhachaidh cha robh taigh no cuid no spréidh air a choinneamh, ach a theaghlach maoth g’ an cruinneachadh feadh nan creag far ’n do dh’ fhalaich iad. Cha do rinn bean Ruairidh car ceart riamh na dhéigh, ’s mu ’n deach bliadhna thairis bha i fo ’n fhòd ghorm. E fhein ’sa theaghlach maoth gun bhean gun mhàthair, cha b’ ioghnadh ged a chaidh a chruaidh an anam Ruairidh Ghlais, agus ged bheireadh e bòidean nach robh e air son a bhi beò ach air son aicheamhail a dheanamh air a naimhdean. Fhuair e do na daighnichean ud, ’s o’n latha sin tha e ’lot agus a spuilleadh a naimhdean, gach uair a gheibh e ’n cothrom. B’ ann an riochd aon diubh a ghabh e mise, agus is cinnteach sibhse mar an ceudna.” An uair a chuir an cìobair crioch air a naigheachd, bha na fir air an anail a leigeil gu math, ’s a ghrian air togail suas gu òirdhearc. Threòraich an cìobair còir iad mìle no dha air an turus, agus dh’ fhàg e iad air Bearradh Sìth, far am faiceadh iad an Gleann Gorm bòidheach shios fodhpa, le smùid shèimh ag eirigh os cionn gach bothain, ag innseadh gu ’n robh a luchd-àitich a tòiseachadh cùram lath’ eile. “Beannachd leibh!” ars’ an cìobair mu dheireadh. “Agus ma bhios sibh gu bràth am feum fasgaidh an taobh so, na dichuimhnichibh bothan a’ chìobair.” Le so a radh thionndaidh e cheum dhachaidh. Ghabh càch sios agus tharuinn iad dlùth air an ceann-uidhe. Bha taigh beag, sgiobalta ’mach o chàch, agus na bu sgiobalta na aon diubh. Bha togalach eile dlùth dha a bha gu math dubh, agus aig an àm so, tràth ’s mar a bha mhaduinn, bha smùid dhubh agus gliong, gliong, ag innseadh do na teachdairean gu robh Iain Mór nan Ord gu trang ’sa cheardaich. Ghabh Domhull Ciar dìreach gu dorus na ceardaich agus sheas e, air dha guth mar ghuth leoghainn a chluinntinn os cionn gach fuann a bh’ ann, a seinn— O, hìriri, tha e tighinn, O, hìriri, ’n righ tha bhuainn; Faigheamaid ar n-airm ’s ar n-éideadh, ’S breacan-an-fhéilidh an cuaich. Fhreagair Domhull Ciar ’san dorus— [TD 211] [Vol. 10. No. 28. p. 3] Gur mairg do ’n éideadh ’san là sin Cota gnàd’ de ’n mhàdar ruadh; Ad bhileach dhubh a’s cocade innt’ Sgoiltear i mar chàl mu ’n cluais. “Mar sud!” ars’ Iain Mór, ’s e tarruinn a chlaidheamh mhoir a bha e gléusadh os cionn cinn sgonna-bhalaich, a bha séideadh a bhuilg, air an robh sgullag mhor aide, ’s e ma b’ fhior a dol a dheanamh mar a bha ’n t-òran ag radh. Leis a choltas a bh’ air Iain Mór leig am fear sin ràn as, agus leum e stigh fo ’n bhòrd-obrach ’s thainig Domhull Ciar ’s a mhac air adhart ag gàireachdaich. Dh’ fhàiltich Iain Mòr iad gu cridheil, ag ràdh, “Tha ’n t-òran fior ma ta, ’sheana charaid, o’n a thainig thusa. Thill Casan-t-siubhail do ’n Ghleann an dé ’s an t-òran na bheul, ’s tha e o’n uair sin a ruith na m’ cheann, ’s cha b’ urrainn mi ’n còrr a dheanamh air cas-chrom Uilleim Mhóir. Chaith mi bhuam i,” ars’ an gobha, ’s e deanamh gàire, “’s tha fios agad fhein, a Dhomhuill, gun teid aig a ghairdean so air rud a chaitheamh. Co dhiubh, tha Uilleam ’ga h-iarraidh fhathast, ’s tha Cas-an-t-siubhail ag radh gun deach i á sealladh os cionn Bearradh Sìth. Ach, a Dhomhuill, a charaid, dé do bharail air deud a ‘ghille-ghlais?’ Saoil co dhiubh is cruaidhe sud na cnàmhan nan Sasunnach!” Tharruinn Iain an claidheamh mor, no ’n ’gille-glas,’ mar ’theireadh e-fhein, ’s a caitheamh gat iaruinn os a chionn ghearr e leis e mar shnàthlean mu ’n d’ rainig e làr. “Na ’m biodh beagan cheudan dhe leithid aig a Phrionns’ òg,” arsa Domhull Ciar, “agus leithid a mhaighstir air chùl gach fir dhiubh, cha bhiodh rathad reidh fada fosgladh dha gu crùn a shinnsridh!” “Tut, a Dhomhuill, nach ’eil an tacharan cho math an diugh, ma theid aige air gunna ’chur ri ghuala, ris an laoch is fhearr! Mo mhallachd, ’s mo mhìle mallachd air a cheud fhear a chur ri shùil gunna! Mharbh e ghaisge! Nach ’eil reiseamaid thàillearan cho math an diugh ri laoich na Féinne, ged bu bheò iad! Ach, a charaid, a charaid, gabh mo leisgeul; nach b’ i ’n fhàilt i. Ach thigibh a stigh, feuch a bheil drùbhag aig Móraig ’sa phige.” Cha b’ urrainn Eachunn a shùil a thoirt an toiseach bhar Iain Mhóir aig a mheud; ’s gann nach robh e smaointean gu ’m bu chor do ’n talamh ghlas fhéin a bhith gearain aig cho làidir ’s a bhruthadh cas Iain e. Las sùil Iain air dha ’chluinntinn cinnteach gu ’n robh Prionnsa Tearlach air a’ bhratach a thogail ’s a Ghàidhealtachd. Chaidh gach biodag ’s gach ball eile ’ghleusadh, air chor ’s gun deanadh iad feum sgàthain, ’s an deigh an cur far am biodh iad aig laimh, chuir Iain cuairt feasgar air na seann chàirdean, oir bha meas mor ’sa Ghleann Ghorm air, agus mu ’n do thill e fhuair e ’mach nach biodh e na aonar a fàgail a Ghlinne. Chaidil iad gu sèimh gu maduinn—a mhaduinn gheal, chiùin a thug iad an aghaidhean air a mhonadh ’s air Prionnsa Tearlach. (Ri leantuinn.) Litir as an Abhainn Mheadhonaich. FHIR-DEASACHAIDH GHASDA,—Tha mi ’n dòchas gu ’n gabh sibh mo leisgeul air son a bhi ’sgriobhadh aig an àm so, oir cha ’n ’eil fad’ o’n a sgriobh mi roimhe. Ach ’s e ’s aobhar dhomh ’bhi sgriobhadh an dràsd, gu bheil mi ’cur ugad dollar air son bliadhn’ eile dhe ’n MHAC-TALLA. Agus fhuair mi ceithir dollar eile air son ainmean ùr nach do ghabh riamh roimhe ’m paipear Gàilig. Bidh sinn an dòchas gu ’n lean iad air a ghabhail o bhliadhna gu bliadhna, agus cha chreid mi nach dean iad sin. Tha mise cinnteach nach bi iad air deireadh ’ga phàigheadh fhad ’sa bhios iad ’ga ghabhail. Thachair daoine eile orm a ghabhadh MAC-TALLA, ach ’s e so àm anns am bheil airgiod gle ghann air an dùthaich am measg thuathanach. Ni mise na bheil na m’ chomas air son an aon phaipear Gàilig tha againn a chumail suas, agus bidh sinn an dòchas gu ’n toir so putadh do chuid air choireigin eile air son dol am mach feuch am faigh sinn e aon uair ’san t-seachdain. Co dhiubh, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil sinne mar luchd-gabhail a phaipear ro fhad air ais ann an cuideachadh ri chumail suas. Na biodh aig Gall ri chantuinn ri Gàidheal nach cum iad aon phaipear Gàilig suas. Chunnaic sinn litir bho C. C. o chionn ghoirid, agus e cantuinn gu ’n robh Murchadh còir tinn. Tha sinn an dòchas gu bheil e slàn gu leor roimhe so, agus gu ’m faic sinn litir uaithe an ùine nach bi fada. Thug C. C. iomradh gu ’n bu chòir ainmean an fheadhainn nach do phàigh a chur an clò cho math riuthasan a phaigh, agus bha e ceart. Cha tugainn bonn-a-h-ochd air duine bhiodh gabhail paipear agus nach paigheadh e. C’ar son nach biodh creideamh Chalum a’ Ghlinne aca nuair bha e ’g radh— Tha m’ fhortan aig Dia ’s E fialaidh uime, ’S ma-gheibh mi mo shlàint gum pàigh mi na shireas. Fhuair sinn sanas air son an leabhar òran, “Mactalla nan Tùr,” a cheannach, agus gun a bhi g’a thoirt seachad an iasad. Tha mise cur ugad coig sentichean fichead air son a chur ugam, agus tha fios agam gur math is fhiach e ghabhail bho ’n ùghdar a chur am mach e. Bheir mise mo bhòid nach faigh duine ann an siorrachd Victoria an iasad uamsa e. Ma bhios leabhar oran a dhith orra paigheadh iad air son fhaotainn mar tha mise deanamh. ’S mi do charaid dìleas, MICHEAL. Comhradh EADAR MAIRI, CATRIONA AGUS EALASAID. MAIRI.—’S fheudar gur tusa ’s tràithe dh’ éirich na sinne ’n uair tha thu an so mar tha. So dhuit cathair, ’s dean suidhe dlùth do ’n teine. Ach dé air an t-saoghal a chuir gluasad ort cho tràth so ’s an là? CATRIONA.—Ma ta, a Mhairi, gun a bhi ’null no ’nall mu dheighinn innsidh mi sin dhuit. Nach cuala tu gu bheil Ealasaid Ghrannd gu bhi air a’ pòsadh ri Domhnull Sgiobalta air an ath sheachdain. M.—Cha chuala gu dearbh, agus, gun a bhi ’toirt droch fhreagairt ortsa, cha mhotha na sin a tha mi ’creidsinn gu ’n tachair e. Bu mhòr am beud a faicinn aig Dòmhnull, a dh’ aindeoin a sgiobaltachd. Cha ’n ’eil iad pailt ’s a chearna so dhe ’n dùthaich a dh’ fhaodar a choimeas ri Ealasaid,—nighean dheanadach, fhoighidneach, shuairce, agus mu nach cuala mi riamh ni sam bith air a ràdh ni ’s miosa na ’h-ainm. C.—Cha ruig thu leas gun a chreidsinn, a Mhairi. ’S i ’màthair fhein a dh’ innis sid dhomhsa air feasgar an latha ’n dé, agus na deòir a ruith gu bras o ’sùilean. Chuir i a leithid a thruas orm ’s nach do chaidil mi priob ré na h-oidhche. Rinn ise ’h-uile dìchioll air a dheanamh soilleir do Ealasaid ciod a ghne dhuine tha ’n Domhnull,—mar tha e air an t-slighe gu bhi ’na mhisgeir deanta; ach cha chreid Ealasaid gu ’n tachair sin idir. Tha i am barail gu ’n leig Domhnull seachad an deoch an deigh dhaibh pòsadh, no, air a chuid is lugha, nach bi e a blasad air ach ainneamh, ’s nach dean sin dochair sam bith air. Nach robh a cheart bharail ud agam fhin mu ’n do phòs mi Calum. Shaoil mi nach tigeadh e gu brath gu bhi ’na mhisgeir, ach mo thruaighe! tha e ’n diugh ’na shìneadh gu tosdach ’s an uaigh an lorg na deoch làidir, agus mise ’s mo thriùir leanaban air ar fàgail ’n ar truaghain bhochda gun chul-taice. M.—’S mòr am beud anns na h-uile seadh mar a dh’ éirich do Chalum, duine cho caoimhneil agus cho siobhalta ’s air ’n do chuir mi riamh eòlas. Ach, a Chatriona, air m’ fhacal gu bheil Ealasaid gu bhi aig an dorus. M.—(a fosgladh an doruis)—Thig air t-aghart ’Ealasaid, ’s dean thu fein a gharadh ris an teine. Dean suidhe air a chathair so ri taobh Catriona. EALASAID.—Bha mise ’n dùil gu ’n robh mi fhein moch air mo chasan, ach tha e coltach gu ’n do bheat sibhse mi, a Chatriona. C.—Tha mise moch air mo chasan an comhnuidh, ach is ainneamh a tha mi faotainn cothrom air dol a dh’ fhaicinn nan coimhearsnach, ’s cha ’n fhaighinn an diugh fhein ann mur biodh Peigidh Bhàn bhochd a bhi ’gabhail cùram dhe ’n chloinn gus am faigh mi pilleadh. An d’ fhàg thu càcha slàn? Cia mar a tha do mhàthair? E.—Tha iad uile slàn ach mo mhàthair, agus ged nach ’eil i ’gearain a bhi tinn ’s fheudar gu bheil ni-eigin a’ cur rithe, ’n uair nach d’ thainig norradh air a sùil ré na h-oidhche raoir. ’S ann a tha eagal orm gu— C.—Cha ’n iongantach leam sin idir, Ealasaid. Cha mhò na sin a b’ urrainn mi fhein cadal, ’s mi air a chluinntinn gu ’n robh thu fhein air a bhi ag ullachadh gu bhi air do phòsadh ri Domhnull Sgiobalta. Gabh rabhadh uamsa, tha mi ’guidhe ort, oir cha ’n urrainn Domhnull a bhi ni ’s caoimhneile riutsa no ri té eile, na bha Calum riumsa mu ’n do phòs sinn, agus greis an deigh dhuinn pòsadh. Bha e cho gasda riumsa ’s a b’ urrainn e bhi cho fhad ’s nach robh an deoch air, ach mo thruaighe! ’nuair thigeadh e dhachaidh air mhisg, b’ fhearr a bhi am muigh na a stigh; agus, mar ’s math a tha fios agad fhein, is ann air tigh’n dhachaidh ’s an t-suidheachadh thruagh sin a bha e an oidhche ’thug e ’bhuille do m’ Dhomhnullan bochd, air nach faigh e thairis gu bràth. E.—Tha mo mhàthair ag ràdh rium nach urrainn éirigh gu math dhomhsa ma theid mi le Dhòmhnull, ’s nach bu chòir do thé sam bith a bhi air a’ pòsadh ri neach a tha blasad air an deoch cho tric ’s a tha esan. ’S leis na tha sibhse air a radh rium an diugh, maille ris na tha i fhein air a bhi ag radh rium o latha gu latha, ’s ann tha mi ’smaoineachadh dàil a chur anns a phòsadh car mìos fhathast. M.—Ni h-ann car mìos a mhàin, Ealasaid. Leig seachad an gnothuch gu buileach, ’s theid mise an urras, ma ’s beò thu, nach ’eil an latha fad as anns am bi thu gle fhada ’n ar comain-ne air son na comhairle ’tha sinn a toirt ort. Nach ’eil thu toirt fa near mar dh’ éirich do Chatriona? Agus ciod am barantas a th’ agad gu ’m bi cùisean a bheag na ’s fhearr do d’ thaobh fein ma phòsas tu Dòmhnull? E.—Tha deagh fhios agam nach ’eil sibh le chéile air son gu ’n tachradh deuchainn sam bith rium ’s an t-saoghal so a ghabhas seachnadh, ’s tha mi nis a’ creidsinn gu bheil sibh a toirt comhairle na còrach orm, ’s tha mi air tigh’n gu co-dhùnadh gu ’n cuir mi còrdadh a phòsaidh ma sgaoil gun dàil. M.—Mo bheannachd ort, Ealasaid. C.—Maille ri ar beannachd-ne leanaidh beannachd Dhé thu ri d’ bheò, agus aig a bhàs cha dean e do thréigsinn. E.—Amen. Slàn leibh le chéile. Bithidh mi ’greasad dhachaidh gun dàil, ’s ma ’s mise tha air mo mhàthair a chur ’s an t-suidheachadh ’s am bheil i, cha bhi i ni ’s fhaide gun fuasgladh. [TD 212] [Vol. 10. No. 28. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh an PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, APRIL 11, 1902. Daoiread a Ghuail. THA an gual, o chionn bliadhna no dha, air eiridh gu mór ann am prìs, agus ’s ann a’ sior eiridh a tha e. Tha an Dotair Kendall, ann an òraid a rinn e ann an Tigh nan Cumantach air an t-seachdain s’a chaidh, ag radh gu bheil na cuideachdan a tha ’g obrachadh nam mèinnean guail ’sna Roinnean Iochdrach, le ’n cinn a chur cuideachd, an deigh a ’phris a chur moran na ’s àirde na bu choltach dhi, agus gu ’n do chosg na chaidh uisneachadh an uiridh air rathad-iarunn na dùthcha (an I.C.R.) tri cheud mìle dolair a bharrachd air na bu chòir. Tha esan dhe ’n bharail gur h-i ’n aon dòigh air sin a leasachadh riaghladh na dùthcha a dh’ fhosgladh mèinnean dhaibh féin, as am faodar gual a chur a mach air dolair an tunna. Cha deachaidh an cleas so fheuchainn ann an dùthaich sam bith riamh, ach chaidh bagairt a dheanamh aon uair ann an New Zealand, agus cho luath ’sa chaidh, leag na cuideachdan prìs a ghuail, agus cha deach ’àrdachadh fhathast. Na ’n deante bagradh mar sin an Canada, cha ’n eil teagamh nach tuiteadh a’ phrìs air an doigh cheudna, air chor ’s nach biodhte creic gual Cheap Breatuinn anns na Staidean na ’s saoire na thatar g a ’chreic ann an Sidni ni, a reir òraid an Dotair, a thatar a’ deanamh aig an àm so. Mu Chor na Gailig. GHEIBHEAR air taobh eile anns an àireamh so litir ghoirid ’sam bheil ceist no dha air an cur mu chor na Gàilig. Feuchaidh sinn ris na ceistean sin a fhreagairt. Tha sinn a’ creidsinn gu ’m biodh moran d’ ar leughadairean deònach barrachd seanachais mu ’n chuspair sin fhaicinn anns a’ MHAC-TALLA, oir ’s e ’n gràdh do ’n Ghàilig am priomh aobhar air son am bheil iad a’ gabhail a’ phaipear. A thaobh na Gàilig a bhi bàsachadh: Cha ’n eil na dearbhaidhean cho làidir ’s a shaoileas neach air a cheud sealladh. A reir cùnntas na bliadhna ’n uiridh, cha ’n eil luchd-bruidhinn na Gàilig na ’seann dachaidh an Alba ach beagan mhìltean na ’s lugha na bha i deich bliadhna roimhe sin, ged a dh’ fhalbh anns an ùine sin àireamh mhor mhìltean dhe ’n t-sluagh mar luchd-imrich do dhùthchannan céin, agus mar shaighdearan do Africa mu dheas. Na ’n robh cothrom còir aig na Gàidheil na ’n tìr fein, cha bhiodh na h-uiread dhiubh a’ falbh aisde; ach o nach eil sin aca tha iad ga ’fàgail, ’s mar sin tha àireamh luchd na Gàilig ann an tìr nam beann gach bliadhna ’fàs na ’s lugha. Cha d’ thuirt sin, co-dhiu, gu bheil àireamh luchd na Gàilig a fàs na ’s lugha air feadh an t-saoghail gu h-iomlan. Tha Gàidheil an latha ’n diugh na ’s measaile air an cànain na bha iadsan a bh’ ann leth-cheud no ceud bliadhna roimhe so, agus ge b’ e cearna dhe ’n t-saoghal ’s am bheil iad, tha moran dhiubh a deanamh an dichill air a cumail air chuimhne. Faodaidh e bhith nach eil iad a deanamh na b’ urrainn dhaibh, agus nach eil na tha iad a deanamh air a dheanamh air an t-seòl is motha feum, ach fhad ’s a bheir iad oidheirp idir cha chaill sinn ar dòchas a thaobh ar cànain. Cha sgeul ùr idir a bhi ’g aithris gu bheil a’ Ghàilig air leabaidh a bàis. Thainig glaodh a bàis an cluas a Ghoill nuair a phòs Calum a Chinn Mhóir ban-Sasunnach, ’s a rinneadh a’ Bheurla na ’cainnt cùirte an rioghachd na h-Alba. Tha an glaodh ceudna na ’chluais, agus faodar a ràdh na ’bheul, riamh uaithe sin; agus tha ’n saoghal ga chluinntinn cho tric ’s gu bheil moran, eadhon am measg nan Gàidheal a creidsinn gu bheil làithean cainnt an dùthcha ’s am màthar air an àireamh. Ach cha ’n eil ar cainnt marbh fhathast; tha i beò, slàn, fallain. Agus ma bhios na Gàidheil dìleas dhi o so a mach, gu ’n dean iad fein a cleachdadh ’s gu ’n ionnsaich iad d’ an cloinn i, bidh uaighean na feadhnach a tha ’n diugh ri fàisneachd gu math còmhnard mu ’n gearrar fòd air son uaigh na Gàilig. A thaobh a’ Ghàilig a bhi gann a dh’ fhacail: Tha e fior gu leòr gu bheil iomadh facal Beurla ann na ’r latha-ne air nach do chuireadh Gàilig. Tha e fior mar an ceudna gu bheil iomadh facal Gàilig ann air nach eil moran de na Gàidheil eòlach, agus tha e cheart cho fior, agus ’se sin cùis a’s bochda gu bheil na Gàidheil fhein ri ’n coireachadh air son an da chuid. Faodar a ràdh le fírinn gu bheil a’ Ghàilig na cànain beòil ann an tomhas moran na ’s motha na tha i na cànain leabhraichean. ’S e sin, gu bheil barrachd mor ga bruidhinn ’s a tha ga leughadh no ga sgriobhadh. Far am faighear ceud a bhruidhneas Gàilig, ’sa tha, ma dh’ fhaodte, ga bruidhinn gach latha dhe ’n bhliadhna, cha ’n fhaighear fichead a bhios ga leughadh; agus far am faighear fichead a bhios ga ’leughadh, cha ’n fhaighear coignear a cheannaicheas leabhar no paipear. Tha sin a’ cumail nan Gàidheal an aineolas air an cainnt fein, agus a’ fàgail na Gàilig ceum no dha air deireadh air cànainean eile ann an dealbh ainmean freagarrach do gach innleachd is goireas ùr a thatar ’s na bliadhnaichean so air fhaotainn a mach. Do dhaoine tha mion-eòlach air freumh agus brìgh fhacal, agus tha gu leòr ann dhiubh, cha ’n obair mhor deagh ainm fhaotainn do ni sam bith a bheirear fa ’n comhair. Ach is ainneamh neach a ghabhas an t-saothair, nuair tha fios aige romh laimh gur àireamh gle bheag dhe luchd-dùthcha a chi an t-ainm ùr ann an clò, agus gur àireamh is fior lugha chuireas an cleachdadh e. Tha “inneal-smùide” na dheagh ainm Gàilig air steam-engine, agus “rathad-iaruinn” air railroad. Tha iad so agus facail eile dhe ’n aon ghnè ri ’m faicinn gu math bitheanta ann an clò, ach ’s ann uair ainneamh a chluinnear iad am beòil dhaoine. Agus c’arson a tha chùis mar sin? Tha, a chionn nach eil iad air an cur ann an clò bitheanta gu leòr gu daoine dh’ fhàs cleachte riutha, agus a chionn, ged bhiodh iad ann na h-uile latha nach eil an àireamh a tha ga ’m faicinn cho mor ’s gu bheil na ’n comas an deanamh na ’m facail chumanta. Chithear mar so nach ann ’sa Ghàilig a tha ’n fhàiling idir; ma tha i gann de dh’ ainmean ’s de dh’ fhacail a bhiodh freagarrach air innleachdan is dòighean an latha ’n diugh, nach i ’chainnt is coireach ach sinne d’ an cainnt i. Deanamaid, ma ta, ar dleasdanas. Cuireamaid an t-eòlas is fhearr a dh’ fhaodas sinn air ar cainnt mhàithreil. Bruidhneamaid i, ’s leughamaid i; agus ceannaicheamaid leabhraichean is pàipearan Gàilig. So comhairle air am bheil na Gàidheil ro-fheumach, mar is math is aithne dhuinne, oir “sinn a bha thall ’s a chunnaic.” Ma ni sinn sin, eòlas ceart a chur air ar cainnt féin, agus an cuideachadh is coir a thoirt dhaibhsan a tha saoithreachadh as a leth, gabhaidh i neart, agus ann an ùine ghoirid nochdaidh i beòthalachd a chuireas ioghnadh eadhon air a càirdean. Saorsa nan Cubach. AIR an fhicheadamh latha dhe ’n Mhàigh tha eilean Chuba ri bhi a chur fo riaghladh a shluaigh fhéin. Tha pàrlamaid air a taghadh, agus gabhaidh luchd-dreuchd na pàrlamaid sin seilbh air an riaghladh air an lath’ ud. Tha na Staidean a’ leigeil seachad an còir air an eilean, gun chùmhnant sam bith ach gu feum na Cubaich seasamh ris gach còrdadh a rinneadh as an leth ri dùthchannan eile fhad ’sa bha Cuba air chùram nan Staidean. Tha buidheann de shaighdearan Geancach ri fuireach air an eilean gus am bi cothrom aig na h-eileanaich fhéin air armailt a thogail a chumas rian agus dian air an dùthaich. An Seanalair Methuen. THA e cianail a bhi leughadh mu na nithe neo-thlachdmhor ann an taobh deas Africa air am bheil droch sgeul a’ tighinn a nis agus a rithist. Tha e car searbh a bhi cluinntinn nach ’eil buaidh a ghnàth a’ leantuinn gluasaid ar cuideachd ’s a’ chearn ud de ’n t-saoghal. Air a’ mhios a dh’ fhalbh bha an armailt Bhreatunnach mi-fhortanach: cha ’n ann a mhàin air son nam marbh, ach a chionn gu ’n d’ rinn na Dùitsich greim air an t-Seanalair Methuen a bha air a lot agus a bha air a dheanamh ’na phrìosanach. Tha aobhar aig na Gàidheil cuimhne a ghleidheadh air ’ainm; bha an cliù fo ’òrdughsan aig Magersfontein. Cha ’n ’eil e ceart a bhi cur coire á leth duine sam bith, mur ’eil sinn làn dhearbhte as gu ’m buin a’ choire dha. Tha aon ni cinnteach: cha do chaomhain an Seanalair Methuen e-féin. O thùs gu crìch lean e gu dlùth a reir an t-soluis agus a’ chumhachd a bh’ aige ris na dleasnais dh’ an robh e air a ghairm. Cha do ruith e dhachaidh mar rinn feadhainn eile a’ fàgail na h-obair neo-chrìochnaichte. Bhuanaich an duine so anns na cùisean a chuireadh ’na làimh, agus cha bhiodh e ceart duinn a bhi ’g ràdh mòran gus am faicear c’ àite am bheil a’ choire, ma tha coire ann. Tha freasdal an àrd-Riaghlair os ceann gach beò ’na uairean duilich a thuigsinn agus a mhìneachadh. THATAR ag aithris gu bheil Prionnsa Wales ri tigh ’nn air chuairt do na Staidean air an t-samhradh so. Ma thig, is dòcha gu ’m bi e air fhàilteachadh air dhòigh a chuireas turus Eanruic na Gearmailt á cuimhne ’n t-sluaigh. Co is urrainn a radh nach e sin is aobhar dha tighinn. Tha fios nach robh e fior thaitneach leis na Breatunnaich a bhi faicinn nan Geancach a deanamh uiread othail mu phrionnsa Gearmailteach. [TD 213] [Vol. 10. No. 28. p. 5] Naigheachdan. AN DOTAIR TALMAGE TINN—Tha an t-Urr. T. DeWitt Talmage aig an àm so gu tinn ann an Washington, agus tha eagal air a chàirdean nach teid e am feobhas. Bha e air chuairt ann am Mecsico o chionn ghoirid, agus air a thilleadh ghabh e fuachd a dh’ aobharaich a thinneas. BAS MNATHA AOSDA—Da sheachdain air ais, chaochail air cùl Bhaddeck, an siorrachd Victoria, bantrach Alasdair Mhic-Aoidh an deigh dhi aois ceud is seachd bliadhna ruigheachd. Chaidh i chadal air an oidhche ’s i cho slàn ’s a b’ àbhaist dhi bhith, agus ’sa maduinn fhuaireadh marbh ’s an leabaidh i. Cha do dh’ fhuiling i moran tinneis riamh, agus bha buadhan a cuirp ’sa h-inntinn aice ann an tomhas mor gu àm a bàis. Bha cuimhne gle mhath aice, agus bha e fior thaitneach a bhi ’g eisdeachd rithe ag innse mu nithean a bha tachairt an ceud làithean na dùthcha. BLAR ’SAN TRANSBHAAL—Bha blàr trom air a chur anns an Transbhaal, aig Abhainn Kleinharts, air an latha mu dheireadh dhe ’n Mhàrt. Bha mu dha mhile do na Boerich ann, agus iad air an deagh armachadh le gunnaichean-mora. Mhair am blàr mu thri uairean, agus mu bheul na h-oidhche chaidh na Boerich air ais. Bha seachd air fhichead de na Breatunnaich air am marbhadh, agus seachd fichead ’sa seachd air an leònadh. Na ’m measg sin, bha naodhnar de shaighdearan Chanada air am marbhadh, agus còrr is fichead air an leònadh. Bha na Canadaich an toiseach a bhlàir, agus nochd iad treine ’s gaisge a choisinn cliù mor dhaibh. NA CAILEAGAN DEONACH FALBH—Dhe ’n da fhichead ban-sgoilear a tha Canada a cur do Africa mu Dheas, bha sianar air an taghadh á Nobha Scotia. Agus faodar innseadh gu robh barrachd mor ’s an àireamh sin deònach falbh, ’s gum biodh e furasda gu leòr an da fhichead fhaotainn anns an aon roinn so. Ann an Canada air fad, bha còrr is còig ceud ag iarraidh cothrom falbh, agus ga ’m moladh fein air gach dòigh a b’ fhearr a shaoileadh iad air son sin fhaighinn. Tha so a nochdadh nach eil caileagan ar dùthcha idir air deireadh air na gillean ann an gaisge ’s an gradh-dùthcha. Bidh farmad mor aig a cheithir cheud is tri fichead air an d’ thàinig fuireach ris an da fhichead a fhuair falbh. TAGHADH PARLAMAID ONTARIO—Tha dùil ri bhi taghadh pàrlamaid ùr ann an Ontario air an ath mhios. Cha’n eil teagamh nach bi mar a rùnaich riaghladh an Rosaich deiligeadh ri malairt deoch làidir na mheadhon air muinntir a chur air a thaobh ’s na aghaidh a chleachd a bhi air atharrachadh sin. Bidh a mhor chuid de luchd-deanamh is reic deoch làidir air taobh an riaghlaidh mar is math is fhiach dhaibh, oir thug e dhaibh gach cothrom a bha na ’chomas. Cha’n eilear cinnteach, co-dhiu, gu’m bi luchd-na stuaime cho aon-sgeulach na ’aghaidh, oir tha moran dhiubh dhe ’n aon phàirtidh ris an riaghladh, agus tha luchd-pàirtidh daonnan buailteach air aobhar na stuaime a threigsinn ma chi iad am pàirtidh ann an cunnart. Ach faodaidh iad dòigh eile ghabhail: daoine chur do ’n phàrlamaid a bhios air taobh stuaime cia b’ e pàirtidh d’ am buin iad. Agus tha sinn a’ tuigsinn gu bheil iad a’ dol a dh’ fheuchainn ri sin a dheanamh. REISEAMAID EILE GU FALBH—Bha ’n t-iomradh a thugadh roimhe so gu robh Canada a’ tairgsinn reiseamaid eile chur do Africa mu dheas ceart gu leòr, agus tha an Riaghladh Breatunnach an deigh an tairgse ghabhail. Bidh da mhìle duine anns an reiseamaid so, agus bidh i air a togail ’s air a cur air falbh cho luath ’sa ghabhas deanamh. Mar a thachair do na reiseamaidean eile ’chaidh a chur air falbh, bidh a’ chosguis gu h-iomlan air a giùlain le Breatuinn. Tha moran ann an Canada nach eil toilichte le sin: bu mhiann leotha Canada a phàigheadh a cuid fhéin do dh’ uallaichean na h-impireachd; agus ged is math leotha i bhi cur shaighdearan do ’n chogadh, b’ fhearr leotha i bhi ga ’n cur ann air a cosg féin. Cha ’n eil an latha fad as anns am bi Canada a’ deanamh sin, ach gu ruige so tha ’mhor chuid de ’n t-sluagh toileach gu leor an dùthaich a bhi seachnadh an dleasdanais sin, agus a’ gabhail math gach sochair is dion a tha ’n dùthaich mhàthaireil a buileachadh oirre gu saor agus’ a nasguidh. SOITHEACH-SMUIDE AIR GRUNND—Chaidh an soitheach-smùide Lake Superior air grùnnd an acarsaid St. John, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh, agus bidh i-fhein ’s an luchd air an call gu h-iomlan. B’ fhiach an luchd ceud gu leth mile dolair. Tha cùirt ri bhi air a suidheachadh air son fhaotainn a mach ciod no có bu choireach ri i bhi air a call. NA PRIOSANAICH BHOERACH—Dhe ’n àireamh mhor de phriosanaich Bhoerach a tha air an cumail ann am Bermuda, ghabh grunnan beag na ’n cinn o chionn ghoirid tionndadh na ’m Breatunnaich, agus thug iad mionnan a bhi dìleas do ’n chrùn. An deigh dhaibh sin a dheanamh, thug cuid de ’n companaich ionnsuidh gharg air am bàthadh, agus b’ ann a cheart air eigin a chaidh an fheadhainn a thionndaidh a thoirt as an lamhan. EARRACH FOSGAILTE—Tha an t-sìde anabarrach blàth. B’ e am mios a dh’ fhalbh Màrt bu lugha fuachd a chunnacas ach gann riamh san dùthaich so. Anns na Roinnean Iochdrach cha ’n eil a nise deigh air acarsaid, air loch no air abhainn; agus ann an Cuebec thatar an dùil gu ’m bi abhainn St. Lawrence fosgailte tri seachdainean na ’s tràithe na ’s àbhaist. Air an taobh so de Cheap Breatunn cha ’n eil ni a’ cur cùraim air daoine mu ’n t-sìde ach an t-eagal gu ’n tig an deigh mhor. Ma thig i sin, ’s cha thric leatha gun taghal oirnn, faodaidh sìde fhuar ghreannach gu leòr a bhi againn eadar so ’s deireadh ceud mhios an t samhraidh. LATHA BRETH AN RIGH—Tha e mar dhleasdanas air iochdarain Bhreatuinn air fad latha-breth an righ a chumail ’na latha saor. Ach rugadh Righ Iomhar air àm dhe ’n bhliadlma nach eil latha saor na mhor thoileachadh, agus bha e air aithris an uiridh gu robh an ceathramh latha fichead dhe’n Mhaigh ri bhi air a chumail an àite an naodhamh latha de Nobhember. B’ e so latha breth Victoria, agus tha e ri bhi air a chumail ann an Canada mar chuimhneachan air a Bhanrigh chòir sin, air nach toirear bàrr le righ no banrigh a thig na deigh. Ach tha e coltach nach deach an latha sin a chur air leth gu bhi air a chumail mar latha-breth a mic, oir tha latha ’bhreth-san ri bhi air a chumail am bliadhna air an deicheamh latha fichead dhe’n Mhàigh. Faodaidh e bhith nach eil e ri bhi air a chumail air an latha sin ach am bliadhna fhéin, a chionn an crùnadh a bhi cho faisg air, agus an deigh so gu ’m bi e air a chumail air an latha cheart, no air latha suidhichte eile. Litir a Boston. FHIR-DEASACHAIDH,—Bho nach faca mi facal á Boston ann am MAC-TALLA bho chionn iomadh latha, ’s ann a bheir mi fhin oidheirp air beagan fhacal a chur ga ’ionnsaidh aig an àm so. Bha mi bho chionn ùine ghoirid a leughadh ann am fear dhe na paipearan Geancach a tha ri ’m faotainn an so, gu de an t-aobhar air son an robh cuid do chànainean a bàsachadh, agus an deigh iomradh a thabhairt air iomadh seann chànain eile ’sann thug e tarruinn air a Ghàilig, agus thubhairt e ged a bha a Ghàilig ga ’labhairt fhathast ann an Alba, gu’m bu chànain gle thinn i; nach b’ urrainn dhi cumail suas ris mar a bha an saoghal a tighinn air aghaidh; nach robh facal Gàilig ann air son steam engine no trains no iomadh facal eile tha cho cumanta anns a’ Bheurla. Nis, bhithinn gle fhada an comain MHIC-TALLA no h-aon dheth leughadairean nan innseadh iad dhomh am bheil so fior. Feumaidh mi aideachadh nach cuala mi Gàilig riamh air steam engine, agus mur a bheil ainm dha ann tha làn àm aig fear-labhairt Gàilig maith air chor eiginn ainm fhaotainn dha. Cha ’n fhaod e bhith nuair fhuair càch Beurla dha nach faigh sinne Gàilig dha. Bha latha mor againn am Boston air an siathamh latha dheth na mhios a chaidh, ’n uair a thainig Prionns’ Eanruic Phrussia air chuairt do na bhaile. Bha an latha grianach, bòidheach, sneachda còmhdachadh na talmhainn, agus bu bhòidheach an sealladh e le brataichean Staitean Aonaicht America agus na Gearmailt a snàmh ’sa ghaoith còmhladh. Tha am Prionnsa na dhuine aig a bheil aghaidh thlachdmhor agus is iomadh duine a thainig ga amharc an latha ud. Cha chluinneadh tu aig gach aon ach, “Am faca tu Prionns’ Eanruic?” Nis, fhir-deasachaidh, ma ’s fiach an litir so a cur ann an oisinn de MHAC-TALLA faodaidh sibh a cur ann, agus ma’s e ’s nach fiach i sin cuiribh dha’n teine i, far nach faicear i ni ’s mò. An dòchas gu faic MAC–TALLA agus gach aon de chàirdean iomadh bliadhna shoirbheachail eile, is mise aon d’a chàirdean dileas, CATRIONA. Bas Cecil Rhodes. Chaochail an duin’ ainmeil so ann an Cape Town, an Africa mu dheas, air an 26mh latha dhe’n Mhàrt. Bha tòrradh stàite air a thoirt dha anns a bhaile cheudna air an darra latha dhe’n mhios so, ach tha a chorp ri bhi air a thiodhlacadh air mullach cnoic a shònruich e-fein romh bhàs, ann an uaigh a bhios air a cladhach anns a’ chreig. Cha bhi de chomharradh aig ’uaigh ach leac-lighe air am bi ’ainm agus àm a bhreth ’sa bhàis air an sgriobhadh. Rugadh e ann an Sasunn ’sa bhliadhna 1853; cha robh e mar sin ach da fhichead is naodh bliadhna dh’ aois. Ann an Africa mu dheas nochd e buadhan inntinn a bha mor, agus a bha daonnan air an cleachdadh air son còir Bhreatuinn air an dùthaich sin a leudachadh agus a neartachadh. Rinn e saoibhreas mor, ach cha b’ ann air a shon fein a bha e, ach air son na h-Impireachd agus air son a chinne-daonna. Rinn e mearachdan, agus mearachdan mora, ach cha ’n urrainnear a chur as a leth nach b’ e math a dhùthcha ’sa luchd-duthcha a bha na bheachd eadhon anns na mearachdan. Bu mhiann leis map Africa fhaicinn “air a dhath dearg,” an dath anns an àbhaist a bhi ’comharrachadh fearann Bhreatuinn, agus mar an ceudna Cairo ’s an àirde tuath a cheangal ri Cape Town ’s an àirde deas le rathad-iaruinn. Ach ged bu chruaidh a shaothraich e air son an da ni sin, cha’n fhac e iad air an toirt gu crìch. An obair air ’n do thòisich esan, chi ginealach nach eil fad as air a criochnachadh. Tha a bhàs na chall mor do ’n Impireachd Bhreatunnaich, agus tha sluagh na h-Impireachd uile ga ’chaoidh. LA FHEILL PATRAIC—Tha cuid de Ghàidheil ann a leig air dì-chuimhn’ gu’m buineadh an naomh Patraic do Albainn. Rugadh e air taobh Chluaidh; bha ’athair a réir coslais ’na Chrìosdaidh, agus theagamh ann an seirbhis riaghladh nan Ròmanach. Bha solus an t-Soisgeil anns na làithibh ud ’nar tìr, gu sònruichte anns an dùthaich aig an robh Dùn-Breatunn mar a ceann-bhaile. ’Nuair a rinn cumhachd an t-Soisgeil fìor ghreim air cridhe Phatraic, agus a thàinig a’ ghairm d’a ionnsuidh, chuir e ’aghaidh ri còrsa na h-Eirionn, agus an sud ghiùlain e air aghaidh an obair ghlòirmhor ud a thug atharrachadh o dhorchadas gu solus air na h-Eirionnaich. Leag esan bunait air an d’ rinn ioma fear eile togail; agus ré ioma lìnn bha Eirinn ’na coinnleir laiste deàrsach ann an taobh-siar na h-Eòrpa. O a crìochan-sa chaidh ioma diadhair is sgoileir a mach feadh na h-Eòrpa a’ sgaoileadh solus an t-soisgeil. Na rinn Albainn air son Eirinn ann a bhi toirt di an Naomh Patraic, rinn Eirinn a rithis air son na h-Alba ’nuair a thàinig Calum-cille a nall agus a las e solus na fìrinn air eilean beag grinn I ’s a’ chuan siar. B’ e di-luain so chaidh là Phatraic; c’arson nach biodh là Chalum-cille air a ghleidheadh cuideachd?—Oban Times, Mart 22 [TD 214] [Vol. 10. No. 28. p. 6] Iasgach Dhomhnuill Dhoichealaich. LE IAIN MAC PHAIDEIN. BHA Dòmhnull doichealach, ’s bha fios aig an t-saoghal ’s aig muinntir a’ Ghoirtein gu ’n robh. Cha do phòs Dòmhnull riamh—leis an doicheal, chaidh a ràdh—’s bha a dha phiuthar a’ fuireach còmhla ris; agus bha dha phiuthar cho doichealach ris féin. Bha Dòmhnull ag iasgach air an amhainn air latha àraidh, agus bha Dùghall a’ mhogain ris an spréidh mar bu nòs; agus bha e a’ faicinn mar a bha dol do Dhòmhnull, ged nach robh fios aig Domhnull gu ’n robh sùil neach beò ’ga fhaicinn. Cha robh an dòigh a bha Dòmhnull a’ gabhail a ghlacadh nan cnàideag agus nam bànag, idir laghail, ’s ged a bhiodh cead an uachdrain aige gus an t-iasg a ghlacadh—’s cha robh sin idir aige—’s ged a bhitheadh, thigeadh lagh na dùthcha féin gu math trom air air son nan innleachdan mi-laghail a bha e ag uisneachadh. Ach cha b’ e so idir a bha cur dragh air Dughall a’ mhogain, ach gu ’n robh Dòmhnull doichealach a’ faodainn éisg idir air dhòigh ’sam bith. Ach cia mar a bha e dol g’ a chumail uaidhe. B’ e so a’ cheisd. Bha ’m blàr mòna faisg air an amhuinn, agus thug Dòmhnull, ’n uair a dh’ fhàg e ’n tigh, leis cliabh mòr a bh’ aige air son toirt dhachaidh na mona; agus bha fios aig Dùghall a’ mhogain gle mhath gur h-ann anns a’ chliabh mhona a rachadh an t-iasg a thoirt dhachaidh. An uair a fhuair Dòmhnull eallach math éisg, chuir e anns a’ chliabh e ’s gabh e rathad na cruaiche mòna, agus chuir e sreathan de’ n mhòine ann an òrdugh ann am beul a’ chléibh, agus thug e aghaidh air an tigh. An uair a bha e dol seachad air àite far an robh lùb de ’n amhainn a’ tighinn teann air a’ cheum-rathad, thug e ’n aire gu ’n robh iasg ann a h-aon de na glumagan, làmh ris. Bha Dòmhnull cho sanndach ’s a bha e cho doichealach, agus bu mhòr leis an t-iasg fhàgail anns a’ ghlumaig, ged a bha eallach math air a dhruim mar a bhà. ’S e rinn e: chaidh e ceum beag far an rathaid, agus dh’ fhàg e ’n cliabh ’na shuidh ann an àite socrach, agus ghabh e féin a sios do ’n ghlumaig, far an d’ fhuirich e, a’ glacadh nan cnàideag cho fad ’s bu léir dha sin a dheanamh. Ach fad ’s a bha Dòmhnull ’sna glumagan, cha robh Dùghall a’ mhogain diomhaineach. Ach mar bu ghnàth le Dùghall, ’n uair bhiodh gniomh sònraichte ’sam bith aige ri dheanamh, cha b’ e féin a dheanadh an gniomh idir ach na balaich bheaga, fo stiùradh agus fo chomannda Dhùghaill fhéin. Agus ’s e ’n dòigh a gabh e air a ghniomh a bhuail ’na inntinn aig an uair so a thoirt gu crìch, thug e ’n t-iasg as a’ chliabh aig Dòmhnull agus chuir e am falach ann an àite eile e. Bha balach beag deas agus toileach gu leòir gu dol anns a chliabh aig Dòmhnull, ’n uair a thigeadh an t-am dha sin a dheanamh, agus suidhe anns a’ chliabh, ’s a mhòine mu ’n cuairt air agus os a chionn. Chaidh, an sin, balaich eile a chur do dh’ àite falaich, o nach faiceadh Dòmhnull e; ach chitheadh am balach Dòmhnull. Chaidh, an sin, balaich eile a chur a sios gu taobh na h-aimhne, agus thòisich iadsan air glaodhaich ri càch a chéile, gus a leigeil a thuigsinn do Dhòmhnull gu ’n robh iadsan ’na choimhearsnachd; agus cho luath ’s a chual Dòmhnull iad, chuir e na bh’ aige de dh’ iasg am falach, mar is math a bha fios aig Dùghall a dheanadh e. A nis, bha so uile feumail gus gach ni a thoirt gu crìch mar a bu mhiann le Dùghall, a chionn na ’n tigeadh Dòmhnull a dh’ ionnsaidh a’ chléibh, agus iasg aige, thogadh e a’ mhòine a beul a’ chlèibh gus an t-iasg a chur foidhpe; agus mhilleadh so ’n gnothach uile gu léir. Co dhiu, ’n uair a chunnaic Dòmhnull gu ’n do gabh na balaich seilbh air bruachan na h-aimhne, dh’ fhàg e ’n amhainn aca féin, an dùil gu ’m biodh an t-iasg a chuir e ’m falach sàbhailte gu leòir gus an tigeadh e air a thòir aig am eile. Dhìrich e ris a’ bhruthach far an d’ fhàg e ’n cliabh. Fad ’s a bha Dòmhnull a’ direadh a’ bhruthaich, bha Dùghall a’ cur a’ bhalaich anns a’ chliabh, cho socrach ’s a b’ urrainn e, ’s a mhòine agus an luachair a bh’ aig Dòmhnull mu ’n iasg mu ’n cuairt air a bhalach; agus an t-sreath mhulaich de ’n mhòine ann am beul a’ chleibh, air a cur ann an dòigh, a chum ’s nach biodh a cudthrom air ceann a’ bhalaich. Cha robh Dùghall air son gu ’m biodh am balach fada ’s a chliabh; agus cho luath ’s a ràinig Dòmhnull far an robh an cliabh, leig Dùghall a thuigsinn gu ’n robh e féin mu ’n cuairt. Gun teagamh, b’ e a ghnothach a bhi mu ’n àite aig an àm; agus cha chuireadh e ioghnadh air neach air bith, Dùghall a bhi air na cnocan. Chunnaic Dòmhnull e, ’s o nach robh toil de sheanachas neach ’sam bith aige thog e a’ chliabh air a dhruim ’s dh’ fhalbh e dhachaidh leis. Cha robh an t-astar fada, ’s cha robh an cliabh trom; ’s cha b’ fhada gus na leig Dòmhnull sìos air ùrlar a thaighe féin e. “Dùin an dorus,” ars esan ri phiuthair. Dh’ eirich am boirionnach gus a sud a dheanamh, ach chuala ’m fear a bh’ anns a’ chliabh an t-òrdugh, an dorus a dhùnadh, agus ’s e bhuail ’na cheann, gu ’m biodh e cho math dhàsan a bhi air taobh a muigh an doruis mu ’n dùinteadh e. A nis na ’m biodh am balach ’na éideadh féin, bhiodh e coltach gu leòir gu ’n aithnichteadh e; ach thug Dùghall an aire nach biodh a’ chuis mar sud. Fhuair e poca, ’s chaidh toll a chur troimh ’n mhàs aige, troimh ’n deachaidh ceann a’ bhalaich, agus a làmhan a mach troimh na h-oisinnean, agus sgoltadh math air a bheul-taobh ’s air a chùlthaobh, a bheireadh cluich gu leòir da chasan, gun fhios nach biodh feum aig’ orra. ’Nuair a dh’ eirich an t-aomull ud ’na sheasamh anns a’ chliabh, ’s na foidean mòna a’ tuiteam air gach taobh dheth, ghearr e cruinn leum as a’ chliabh ’s bha e mach air an dorus mu ’n d’ fhuair am boirionnach a dhùnadh. “Obh, obh!” ars ise, ’n uair a chunnaic i ’n tannasg a bha ’n sud a dol seachad oirre, “Obh, àbh,” ars am balach, ’s e ’na leumannan, a’ teicheadh. “Ciod e air uachdar na Crìostachd, a bh’ agad anns a’ chliabh, a Dhòmhnuill?” arsa phiuthar. Ach shuidh Dòmhnull sios ’s gun smid aige, ’s bha e air a sheanachas gu ’n robh e trì lathan gun chainnt. A nis bha ’n t-iasg aig Dùghall a’ mhogain; ach cha robh fenm ’sam bith aig Dùghall air an iasg, a chionn bha biadh Dhùghaill air neach eile; ach an déigh roinn deth a thoirt de na balaich, gabh e féin ’s iad sud a mach ’n uair am thàinig an oidhche, coltach ri feadhainn a bhiodh a’ falbh air chollainn, o thigh gu tigh. Bha Dùghall fèin air a sgeadachadh coltach ri bodach ceàrd, agus rinn fear de na balaich an deagh chailleach; agus bha teaghlach math ’gan leantainn, a bhàrr air a sud. An uair a ruigeadh iad dorus, bhuaileadh iad aige agus theireadh Dùghall ann an guth trom tiamhaidh, “Am faigh sinn fuireach an so an nochd?” Na ’n abradh an neach a bha ’san dorus, “Tha mi cinnteach, a cheutairean bochda, gu ’m feum sibh fuireach an àiteiginn; cha ’n urrainn sibh a bhi air a’ bhlàr a muigh fad na h-oidhche,” an sin rachadh a dhà no tri de na bànagan a thilgeil aig casan an neach a bha bruidhinn, agus an sin theicheadh na cèardainnean. Ach air an laimh eile, ’n uair a theireadh am bodach ceàrd, “Am faigh sinn fuireach an so a nochd?” agus gu ’n abradh an neach a bha stigh, “Cha ’n fhaigh sibh fuireach an so: cha ’n eil dòigh againne oirbh.” An sin bha droch ghuidhe aig a’ chaillich cheaird; ’s bhiodh na ceardainnean a’ falbh o ’n dorus, ’s a chailleach a’ seirm na guidhe, “Na na robh bò, no bliochd, no bainne agad, no cabar os cionn do chòmhnuidh.” Agus sin agaibh mar a roinn Dùghall a’ mhogain an t-iasg a ghlac Dòmhnull doicheallach. —Sgeulaiche nan Caol. Seonaid ’s Fear-tomhas an Fhearainn. O CHIONN àireamh bhliadhnaichean air ais, bha seana mhaighdeann a fuireach an àit àraidh ann am bothan beag air leth. Bha a bràthair a fuireach tacan air astar ’na àite-còmhnuidh fein, agus bhiodh e gach latha tighinn a choimhead air Seònaid. Bha Seònaid na seana mhaighdinn a bha fada thairis air àm pòsaidh, agus cha do leasaich sin a nàdar. Bha teanga gle sgaiteach na ’beul, agus b’ ainneamh fear no té a gheibheadh a’ chuid a b’ fhearr dhith ann an cath bruidhne. Air lath’ àraidh thainig fear-tomhas fearainn le chuid ghillean air son crioch a ruith troimh ’n àite. Thòisich iad aig rathad mor an righ, leag iad an cùrsa, agus ghabh iad air aghaidh gus an d’ ràinig iad mu choinneamh bothain Seònaid. Thachair do Sheònaid sealltuinn a mach air uinneag nan sia lòsan, agus chunnaic i na fir a’ tomhas an fhearainn. Bha Seumas a bràthair a stigh aig an àm. Thionndaidh Seònaid ris, agus ghrad fhoighnich i gu dé bu chiall dha sud. Ann an tiotadh bha Seumas air a bhonnaibh. “Is e is ciall da so gu bheil cuideigin a’ feuchainn ris an fhearann a thoirt uainn, agus feumaidh shin stad a chur orra.” Mach a thug Seumas, ’s a mach a thug Seònaid na ’dheigh. Rainig iad fear an tomhais. Dh’ fharraid Seumas dheth gu dé bha na ’bheachd le chuid ghillean ’s le ’shlabhruidh. Fhreagair Niall e, ag radh gu robh e air a phàigheadh air son an obair ud a dheanamh, agus gu robh cabhag air. Thuirt Seumas ris e bhi grad sgur, agus e thilleadh an taobh a thainig e. Bha Seònaid na ’seasamh dlùth dhaibh, a da làimh air a cruachain, agus boisgeadh neo-chumanta na ’sùilean. “A Sheumais, a luaidh,” ars ise, “gu de ’s còir dhòmhsa dheanamh?” “Faigh an tuagh agus cuir na casan bhar an rud thri-chasaich ud thall,” arsa Seumas. Air a cheud ionnsuidh bha té dhe na casan bhar na combaist, agus thuit i air a cliathaich, ach mu ’n do thàrr Seònaid an ath bhuille bhualadh, rug Niall air a chombaist, agus ghrad leum e air falbh leis, ’s na gillean na ’dheigh leis an t-slabhruidh. “A Sheumais, a luaidh, gu de ni mi nis?” arsa Seònaid. “Spion na stoban a chuir iad anns an talamh, agus tilg air falbh iad,” arsa Seumas, ’s cha bu luaithe thubhairt na rinneadh. Bha an trod ’s an droch cainnt a dol air adhart taobh air thaobh fad na h-ùine, ’s bha chùis a ruigheachd Seònaid cho dona ’s gu ’n d’ thug i, ’n deigh a cead a chur ri Seumas, as deigh Neill leis an tuaigh; ach bha Niall na bu luaithe na i, agus cha d’ rinn i ’n gnothuch air. Thill i far an robh Seumas, ’s an anail ga ’fàgail, ach bha tuilleadh uilc fa-near dhi. “Gu de ni mi nis, a Sheumais, a luaidh,” ars’ ise. “Cuir an eanchainn á Niall leis na clachan,” arsa Seumais; agus ghrad thòisich Seònaid ri cruinneachadh chlach na ’h-aparan. Nuair bha grunnan math aice, as deigh Neill ’sa chuid ghillean gu’n d’ thug i, ’s clach an deigh cloiche ga ’n caitheamh orra. Lean i iad mar so gus ’n do chuir i mach air an rathad mhor iad. Cha do thill iad fhathast gu crioch a chur air tomhas an fhearainn, agus ’s e ’s dòcha nach till. Tha Seònaid an diugh cho tapaidh gu iomairt tuaighe ’s gu caitheamh chlach ’sa bha i an lath’ ud. [TD 215] [Vol. 10. No. 28. p. 7] Am Mealladh. LE IAIN MAC MHURCHAIDH. LUINNEAG. O ’s mor is misde mi Na thug mi ’thoirt d’i; Ge b’e de ’ni ise Dh’ fhag i mise bochd dheth. Aithnichear air mo shùgradh Nach h-’eil mi geanach; Cha tog mi mo shùilean An àite soilleir. ’N uair a chi mi triùir A dol ann an comunn, Saoilidh mi gur gùm e ’Bhios gu mo dhomail. Gu bheil mi fo ghruaman ’S mi ann am mulad, ’S cha lugha mo thruas Ri m’ luchd-comuinn uile, Ris gach fear ’thug luaidh dh’i ’S nach d’ rinn a buinnig; ’S fortanach ma thàmh iad ’N an slàinte buileach. Thainig am fear liath sin A mhilleadh comuinn; Ged dh’ fhanadh e shios Gu ’m bu bheag an domail. ’S dàna leam na dh’ iarr e ’Chur mu mo choinnimh; ’S cha ghabhadh e deanamh Gun chiad a thogail. Sin ’n uair ’thuirt a màthair, “Cha dugainn idir I do dh-aon de ’càirdean, Cha b’ fheairrd’ iad ise. Chreid mi ’m fear a thainig ’S a thug am fios dhomh Gur sibh fein a’s fearr Chumadh ann am meas i. Biodh i ’dol an nis Mar a tha i togairt; Gheibh sibh i an sud Bho ’n is mis’ a thog i. Cha bu mhasladh dh’i Ged bu phairt de ’coir’ e, Gach fear og a bhiodh ’G a chur fhein ’n a roghainn.” “A Choinnich,” thuirt Domhnall, “Bu mhor am beud leam, Do theachdaire ’mhealladh Le gealladh breugach; Ma ’s a duine beo mi Cha bhi thu ’n eis dheth; Gheibh thu i ri ’posadh Le ordugh cleire.” ’S misde mi gu brath e, Ged gheibhinn saoghal; Cha leasaich te ’chach mi ’S na thug mi ’ghaol duit. ’S muladach a tha mi ’S nach d’ rinn mi t’ fhaotainn; ’S fortanach an dràst dhomh Bhi mar-ri m’ dhaoine. Thog iad orm mar bhaoth-sgeul Air feadh an àite, Gu ’n caillinn mo chiall Mar a faighinn lamh riut. ’S iongantach leam fhin Ciod a chuir os ’n aird sud, Mur d’ aithnich sibh éis A thigh’nn air mo mhànran. Sguiridh mi dhe m’ oran Mu ’n gabh sibh miothlachd, Gus am faic mi ’n cord ruibh Na bheil dheth deante. Na creidibh an storaidh ’Th’ air feadh nan criochan; Cha ’n fheil te ’n diu beo Chuireadh dhe mo rian mi. Bha dùil aig Iain Mac Mhurchaidh gum faigheadh e Eilidh, nighean Fear Thorlòisich, ri posadh, ach chuir i cùl ris is ghabh i Coinneach Mac-Gillinein. Am Muileann Dubh. FONN. Tha ’m Muileann dubh air thuraman, Tha ’m Muileann dubh air thuraman, Tha ’m Muileann dubh air thuraman, Tha ’m Muileann dubh is srann aig’. An cual’ thu gu ’n robh snaoisean ’S a’ Mhuileann dubh, ’s a’ Mhuileann dubh? An cual’ thu gu ’n robh snaoisean ’S a’ Mhuileann dubh o shamhradh? Tha ’Mhuileann dubh air thuraman, Tha ’Mhuileann dubh air thuraman, Tha.’Mhuileann dubh air thuraman ’S e togairt dol a dhannsadh! Tha iomadh rud nach saoil sibh ’S a’ Mhuileann dubh, ’s a’ Mhuileann dubh, Tha iomadh rud nach saoil sibh ’S a’ Mhuileann dubh ’s an t-samhradh. Bha nead na circe-fraoiche ’S a’ Mhuileann dubh, ’s a’ Mhuileann dubh, Bha nead na circe-fraoiche ’S a’ Mhuileann dubh ’s an t-samhradh. Bidh gobhair agus caoraich ’S a’ Mhuileann dubh, ’s a’ Mhuileann dubh, Bidh gobhair agus caoraich ’S a’ Mhuileann dubh ’s an t-samhradh. Bidh ’n crodh a’ breith nan laogh ’S a’ Mhuileann dubh, ’s a’ Mhuileann dubh, Bidh ’n crodh a’ breith nan laogh ’S a’ Mhuileann dubh ’s an t-samhradh. O, b’ fhearr leam gu ’n robh snaoisean ’S a’ Mhuileann dubh, ’s a’ Mhuileann dubh, O, b ’ fhearr leam gu ’n robh snaoisean ’S a’ Mhuileann dubh o shamhradh. Iadsan a Phaigh. Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville, Ont. Seoras Mac Larty, Guthrie, Ont. Seumas M. Glen, St. Thomas, Ont. Mairi Nic Calamain, Lucknow, Ont. Cailean Mac Fhionghain, Greenwood, B. C. Fionnladh Mac-an-Toisich, Red Jacket, Assa N. D. Mac Iomhair, McLeod’s Crossing, Que Ailean D. Domhnullach, Maryvale, N. S. Aonghas A. Stiùbhart, High Bank, P. E. I. Iain Mac Gilleain, Auckland, New Zealand Coinneach Domhnullach, Kaimo, New Zealand Calum Mac Mhanainn, Kaurihohori, New Zealand Iain Caimbeul, Steornabhagh, Alba. Domhnull I. Moireasdan, Sidni. Seumas I. Mac Gilleain, Glen Morrison. Anna Dhomhnullach, Indian Brook. A. S. Dùghlach, S. W. Margaree. Bean Eos Mhic Artair, Abhainn Inhabitants Floiri Nic Gill-fhinnein, Beinn Mhic-Andra Iain R. Mac Leoid, Abhainn Mheadhonach Iain G. Mac Thearlaich, Abhainn Mheadhonach Iain U. Mac Thearlaich, Abhainn Mheadhonach Alasdair Mac Rath, Abhainn Mheadhonach Bean Dhomhnuill, Mhic Rath, Abhainn Mheadhonach Bean T. Mhic-an-t-Saoir, Loch Laomuinn. M. A. Mac-a-Phearsain, Bridgeport. Bean Thormaid Mhic Aonghais, Ingonish. D. I. Mac Neill, P. M., Bail’-Iain. An t-Ollamh A. H. Mac Aoidh, Halifax, N. S. Iain Ceanadach, Argyle, N. S. Maighstir Raonull Dùghallach, Antigonish I. A. Mac Leoid, San Francisco, Cala. Calum Mac Leoid, Vancouver, B. C. Niall Mac-a-Phi, Nelson, Mich. Do’n “Dobhran Dhonn” Feumaidh tu, a laochain, ar leisgeal a ghabhail; cha bhiodh e freagarrach do litir a chur an clo. Cha ’n e nach eil i air a deagh sgriobhadh, ach tha caochladh nithean innte nach biodh a chum feuma do ’n luchd-leughaidh, no eadhon do ’n sgriobhadair. Feuch do làmh ris a rithist, agus seachainn gach naigheachd agus tuaileas a dheanadh cron, no chuireadh fearg air do choimhearsnach. Ceartachadh. Chuir caraid a Ontario gearain g’ ar n-ionnsuidh nach d’ thug sinn an t-ainm ceart air a bhàrd a rinn “Oran air cuairt na bliadhna.” ’S e “Maoiles” a b’ ainm dha, agus bha an t-ainm a thug Mac-Talla air, “Maol-Calum,” ga ’chur a aithne air a chàirdean. Gheibhear an t-oran ann an àireamh 21, a thainig a mach air an treas latha de cheud mhios na bliadhna. Am b’ Oran Gailig e? Fhuaireadh an t-oran a leanas am measg phaipearan an Iarla Eglington an déigh a bhàis. Bha e air a radh gu ’m b’ eadar-theangachadh o’n Ghàilig e. Cha’n eil an t-oran Gàilig ri fhaotainn ann an Alba, agus mur eil e ann an Canada, feumar a cho-dhùnadh gu bheil e air a chall, ma bha e riamh ann. Ma tha e aig aon de leughadairean MHIC-TALLA, bhiodhmaid na chomain air son e chur g’ ar n-ionnsuidh. CANADIAN BOAT SONG. Listen to me as when you heard your father Sing long ago of other distant shores: Listen to me, and then in chorus gather All your strong voices as ye lift your oars. Where Sgeir-na-Gillean braves the wind and wave, Where round Ben More the mad Atlantic raves— Where gray Iona’s immemorial fane Keeps solemn ward on unremembered graves. No more the lovers on the leas are meeting, No more the children paddle in the stream: We hear no more the pibroch’s kindly greeting, Nor see the moon on royal tombstones gleam. No more the war-cry echoes in the valley— The deer unchallenged roam across the glen: No more around Clan Ronald’s banners rally The fairest women and the bravest men. From the dim shieling on the misty island Mountains divide us and a world of seas; But still our hearts are true, our hearts are Highland, And we in dreams behold the Hebrides. Green are the woods that gird this mighty river, And green the meadows sloping to the strand; But we have left our native hills for ever, And we are exiles from our native land. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas MacLeoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 216] [Vol. 10. No. 28. p. 8] Cumha Do Shiosalach Strathghlais, le Domhnall Gobha, a chaochail an Antigonish. Gu bheil mulad orm fein, Chaidh mo chadal an eis, ’N diugh le m’ shùilean cha leir dhomh ach sgleo. Gu bheil mulad, &c. Gun do ghlasaich mo chiabh, Agus sheachdaich mo bhian, Thug an aiceid so dhiom an fheoil. Bhuail saighdean mi goirt, Rinn mo chlaoidh is mo lot, Bidh mi tuilleadh fo sprochd ri m’ bheo. ’S e bàs an t-Siosalaich fhéil, Bhrist air aisneach mo chleibh, Aobhar m’ acain ’bhi ’n ceisibh bhord. Anns a Mhanachainn fo ’n ùir Dh’ fhàg mi ’n tasgidh crainn iùil; Am mac ’s an t-athir le ’m b’ fhiù dhuinn falbh. Chaill sinn Ruari an àigh, Fear a dh’ fhuasg’leadh gach spàirn, ’N diu cha ’n aithne dhomh àicheadh beo. Agus Seumas nam buadh Bu shar cheannard an t-sluaigh, Bu mhor t’ ionndraichinn bhuath’, a sheoid. So a bhuille ’bha cruaidh, An t-eug thug Alasdair bhuainn, Craobh dhe ’n abhall a b’ uaisle meoir. Crann seudair nam buadh A dh’ fhàg fir Alba fo ghruaim ’N uair a dh’ ionndraich iad bhuath’ thu, ’sheoid. ’S iomadh fear a bha ’n dreas, Eadar tuath agus deas, ’Bha fo thurs’ ann an deise bhroin. Gur a fiosrach ’tha mi Gun robh meas ort ’s gach tir, Ann am parlamaid righ ’s aig mod. ’Nuair a shuidheadh tu ’n cùirt Gheibh’dh tu eisdeachd, ’s tu b’ fhiù, Chuireadh t’ fhacal gach cuis air seol. ’Fhir a dhioladh an fheusd’, Mar bu chubhidh dha d’ threud, ’San teaghlach aluinn ’bu sheamhaidh gloir; Le run maighdinn is mna, ’N cuirtibh gleadhrach le daimh, Muirneach, macant’, is taileasg leo; Far ’m biodh fiodhall nan teud, ’S a bhi ga tathich le beus, ’S piob chruaidh, sgalant’, le eibhneas mheoir. Bha ’m fraoch Feadailteach binn, ’S e gu h-airgiodach, grinn, Cha robh ’n Albinn ’thug cis de ’cheol. Bho na thoisich an triall, Gun robh ainm dibh ’bhi fial, Eadar Sasunn nan cliar ’san Roimh. Fearachd bhogha no lann Cha bu tais ann ad laimh; Gum buidhinneadh tu ’n geall is corr. Bha gach fasan a b’ fhearr Ann am pearsa mo ghraidh, Ach co mhealas an drasd a chot’? Cha b’ e dublachadh màil Dh’ fhag do bhancaichean làn, Ach torc sona bhi ghnàth ’ad lorg. Bu tu beannachd na tuath, Riut a leanadh an uaisl’; Cha bu sgrubire cruaidh mu stor. Leat a chinneadh an t-sealg Ann am frith nan damn dearg, Eadar Fionn-Ghleann ’s Cioch an fheòir; Eadar Comar nan allt Agus garbh-shlios nan gleann, Eadar Farar ’s an Caorann gorm. Bu leat faghid nam beann, ’Gairm nan gadhar nan deann, ’Fhir a leagadh na maing le sgorr. Och, ’s mi m’ iomadan truagh, ’N diu ga t’ ionndrichinn bhuam; Mo chul-taic’ tha san uaigh gun treoir. Ach mile moladh mar tha, Gu bheil oighre ann ad ait, Friamhan dligheach na craoibh ’s dh’ fhalbh. Coisinn beannachd bho Dhia, ’N duine bochd na leig dhiot, ’S thoir lan cheartas do ’n fhiar a’s fearr. Tuig gur Gaidhealtachd Glais, Na dean Gallta i le lagh, Na mill a comas, is creid mar bha. Ma tha ’n sean-fhacal ceart,— Mol a mhachir ’s na treabh, Di-moil fasgath a phris, ’s na fag. Torc sona, biadh ’s gach ni a bhuineadh do dhuine a bhith a fàs a suas dha air dhoigh mhiorbhuilich. Ach ciamar a thàinig na facail gu sin a chiallachadh? Tha Mi Sgith ’n Fhogar So. LE IAIN MAC MHURCHAIDH. LUINNEAG. Tha mi sgith ’n fhogar so, Tha mi sgith dhe ’n t-srith; So an tim dhoruinneach. Ged a tha mi fo ’n choille, Cha ’n fheil coire ri ’chomhdach orm. Ach mi ’sheasamh gu dileas Leis an righ bho ’n ’bha choir aige. Mi air fogar bho fhoghar ’Deanamh thaighean gun cheo annta. Ann am bùthaig bhig bharraich, Is gun charaid gam fheoraich ann. Ach nam bidh’nn aig a bhaile, Gheibhinn càirdean ’s luchd-eolais ann. Ach nan digeadh Cornwallis Sinn a ghluaiseadh gu solasach, Gu sgrios ’thoirt air beisdean ’Thug an t-éideadh ’san storas bhuainn. Thoir mo shoraidh thar linne Dh-ionnsaidh ghlinne ’m bu choir dhomh ’bhi. Far am minig a bha mi ’G eisdeachd gàirich laogh og’ aca. Thoir mo shoraidh le dùrachd Gu Sgurr-Urain mu ’n eolach mi. ’S tric a bha mi mu ’n cuairt d’i ’G eisdeachd ùdlaiche ’cronanich. ’S do ’n bheinn ghuirm ’tha mu ’coinnimh, Leam ’bu shoilleir a neoineanan. Thoir mo shoraidh le caoimhneas Gu Torlòisich nan smeoraichean, Far an tric ’bha mi siubhal Mar-ri cuideachda sholasaich. Cha b’ e ’n t-ol ’bha mi ’g iarraidh, Ach na b’ fhiach an cuid oran leam. ’Sios ’s a suas troimh Ghleann-seile, ’S tric a leag mi damh croic-cheannach. An Gille Crubach anns a’Ghleann ’Ille chrùbaich anns a’ ghleann, Cùm thall na caoraich uile, ’Ille chrùbaich anns a’ ghleann, Cùm thall na caoraich. Cùm thall, na toir a nall, Cùm thall, na toir a nall, Cùm thall, na toir a nall, Cùm thall na caoraich. Ged a tha do leth-shùil cam, Chi thu leis an t-sùil ud eile; Ged a tha do leth-shùil cam, Chi thu leis an t-aon sùil. ’Ille chrùbaich anns a’ ghleann, Cùm thall na caoraich agad, ’Ille chrùbaich anns a’ ghleann, Cùm thall na caoraich. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., —LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla do Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn MhicAoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. D Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, bu R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 217] [Vol. 10. No. 29. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 25, 1902. No. 29. Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. III. MAR A DH’ OL IAIN MOR DEOCH-SLAINT’ AN RIGH. AIR an ath mhaduinn gu math moch dh’ fhàg Iain Mór slàn aig a chàirdean ’s a Ghleann Ghorm, agus le seisear thapaidh, a bhàrr air na teachdairean, thug iad le cridheachan blàth agus dòchasach an aghaidhean air armailt nan osan ghearr ’s nam breacan ballach aig Prionnsa Tearlach. Cha ’n ’eil n’ ar rùin an leantuinn no sealladh a chumail orra anns gach blàr agus buaidh a chuir iad idir, oir chaidh ’eachdraidh innseadh mar tha. Tha sinn air son faighinn seachad air gach àr anns an d’ fhuair iad gu miorbhuileach buaidh air an naimhdean lionmhor, làidir, agus sùil a thoirt air achadh Chùilfhodair ’san dol seachad. Ach mu ’n ruig sinn faodaidh sinn a ràdh gu ’n robh Iain Mór, Domhull Ciar agus a mhac anns gach aon diubh. Aig Preston-pans bha iad. Am baile mor Dhunéidionn thaghail iad, an àm athair a’ Phrionnsa eigheach mar rìgh Seumas a h-ochd. A stigh do Shasuinn, as an robh iad cho leasg tilleadh ris a’ Phrionnsa fhein. Aig an Eaglais-bhric, a ghleidh na Gàidheil a rithist, agus far an d’ fhàg moran am Prionnsa, gu ’n dachaidhean, sàsaichte is mòralach, a smaointean gu ’n robh gach cùis leotha, gu ’n smaointean gu ’n robh iomadh cnap-tuislidh eadar Tearlach ’s an crùn fhathast. Ach lean Iain Mór ’s a chompanaich e gu dìleas. Agus a nis tha sinn a tighinn gu euchdan Iain air sliabh Chùilfhodair. Chunnaic Iain Mór an sliabh dearg air gach taobh dheth le fuil gaisgich na Gàidhealtachd, ach ged a fhuair e fhéin ’s a dhithis chompanach iomadh buille chruaidh, bha iad beò, slàn air feasgar an latha sin. ’S iomadh “còta gnàd’ de ’n mhàdar ruadh” a chuir Iain gu talamh an là ud leis a “Ghille-ghlas.” Mu dheireadh fhuair e e-fhein an cearn iomallach de ’n àr air a’ chuartachadh le naimhdean, ach gu fortanach cha robh luaidhe no fùdar aca, ’s mar sin bha Iain Mór a spealadh ’s a deanamh daighneach dha fhein air na cuirp aca. ’S iomadh Sasunnach a bha saoilsinn gu ’n robh e-fhein ’na dheagh fhear claidheamh a thug ionnsuidh air a Ghàidheal mhor, ach bi ’n ionnsuidh mu dheireadh i. Bha ’chridhe goirt na chliabh a smaointean air na companaich òg, àluinn a thuit, ’s mar sin bha e ’cumail daonnan far ’m bu tighe ’n nàmhaid, ’s ag eigheach leis a h-uile buille, “Tearlach gu bràth!” Mu dheireadh thug caiptean Sasunnach an aire dha, is seisear de ’n nàmhaid an impis a dhol á cochull an cridhe a teicheadh roimhe, ’s esan ’s an claidheamh mor an tarruinn aige na ’n déigh. “Coig puinnd deug do ’n fhear a bheir ugam ceann a’ Ghàidheil mhoir ud, a tha ’gearradh sios ur co-bhràithrean!” ars’ an caiptean Sasunnach ri ’chuid shaighdearan. Leum dithis bhràithrean am mach air a bheulaobh, a bha ainmeil a thaobh an neart ’s am misneach. “Faodaidh ’ur n-onair,” arsa fear dhiubh, “a bhith ’fuasgladh iallan ’ur sporain, oir mar a bheil bhuarbh ach ceann an reubalaich ud, cha ’n fhada ’bhios mi-fhin ’s Bill ga thoirt ugaibh air chiabh!” “Dé ni thu ris a’ cheann?” arsa duin’-uasal òg, spaideil, a bha ri taobh a chaiptean. “Dé,” ars’ oifigeach òg eile, “ach a chrochadh an talla ’shinnsridh faisg air Lunnain, comhladh ri cinn nam beathaichean fiadhaich eile!” Rinn na h-oifigich eile gàire, anns na phàirtich an caiptean uasal fhein gu cridheil. “Air m’ anam!” ars’ esan, “cha bhiodh e ’na dhroch innleachd idir! Ach fhaic sibh am fonn tha air na ‘twins’,” ars’ esan, “a dol g’a shealg, ’s mur a bheil mi air mo mhealladh bidh e aca cuideachd.” Sheas an caiptean (aig an robh càirdeas ris a Bhùidsear fhein) ’s na h-oifigich eile airson spòrs fhaighinn air di-cheannadh a Ghàidheil mhoir, an deigh òrdugh a thoirt da chuid dhaoine na Gàidheil a bha leonte a mharbhadh ’s gach àit’ am faight’ iad. Chunnaic iad an dithis ghaisgeach a tarruinn dlùth air Iain Mór, ’s iad gualla ri gualla. Bha Iain air crìoch a chur air na bh’ aige ’s an àm, agus air dha Domhull Ciar fhaicinn pios math uaithe ghlaodh e ris, “Sid a h-ochd-ar-fhichead ’s an àite so; bu toigh leam na deich-ar fhichead a dheanamh dheth; ach thoir iomradh air an droch fhear ’s nochdaidh e! Tha iad a tighinn ugam an so.” Bha na “twins” gu bhi aige, ’s duais mhath na ’n sùil, agus an aigne ’leum ’s g’ an greasad airson an cliù ’sheasamh. Chunnaic Iain Mór gle mhath nach e ’n seorsa cumanta ’bh’ aige, ach ’s ann a chòrd sin na b’ fhearr ris. Thainig iad taobh ri taobh gu guineach, ’s thug iad ionnsuidh gharbh air Iain Mór, ach cha deach leotha. Bha ’n Gàidheal g’ an tomhas le ’shùil, agus a faicinn gu ’n robh fear dhiubh a nis a’ maoidheadh air gu h-iosal leis a’ chlaidheamh, airson a chur na bhreislich, is cothrom a thoirt do ’n fhear eile an ceann a chur dheth. Smaointich e gu ’n robh ’n t-àm crìoch a chur air a chleas. A faicinn gu ’n robh iad mu ’n aon mheudachd, chaidh Iain ceum air ais agus thug e siabadh uamhasach air a chlaidheamh mhor, ’s chaith e na cinn dhiubh le cheile leis an aon bhuille, ’s ghlaodh e, “Deich-air-fhichead!” Chunnaic an caiptean ’s a chompanaich le uamhas mar a thachair, is bhòidich e, ’s e dubh ’san aodann le feirg, gu ’m biodh a cheann aige ge b’ oil le Dia fhein. Ghlaodh e air a chuid shaighdearan is rinn e airson Iain Mór a chuartachadh, ach thug e earail chruaidh orra iad a’ ghlacadh beò, airson bàs cho fadalach ’s cho piantail ’s a bh’ ann a thoirt dha. Cha robh dol as aig Iain bochd. B’ eigin striochdadh mu dheireadh, ged a bha iad ’n an dùin ri talamh air gach taobh. Mhùch cudthrom na h-àireamh e. Bha e aca mu dheireadh—a charaide dìleas, an “Gille-glas,” air a thoirt bhuaithe, ’s e aig tacharan Sasunnach ’ga shlaodadh, ’s e fhein air a cheangal gu teann, cruaidh airson na h-ìobairt, is pathadh air gach aon mu ’n cuairt air airson a chuid fala. “Fuasglaibh e?” ars’ an caiptean, “gheibh sibh am barrachd spòrs air an reubalach, agus gun airm cha dean e moran millidh co dhiubh. Agus a nis, a’ dhaoin’ uaisle,” ars’ an caiptean, ’s e ’toirt am mach cnapach botuil as a phoc-achlais, “bheir sinn air deoch-slàinte righ Deòrs’ òl, agus an reubalach òg Tearlach agus ’athair a mhallachadh do ’n droch àite.” Bha Iain Mòr bochd a’ fàs gu math fann a nis nam measg. Bha e nis na ’sheasamh, agus air dha sùil a thoirt os cionn chàich chunnaic e Domhull Ciar nan Lann air ’uilinn air an t-sliabh, is coltas air gu ’n robh e air a dhroch leòn. Chual’ Iain e gu fann ag eigheach deoch an ainm Dhé. Chual’ an caiptean Sasunnach e mar an ceudna, ’s a ruith a null mharbh e le ’laimh fhéin gu brùideil an seann duine bochd. A tighinn air ais thuirt e, “Sid an doigh air na reubalaich a chur do ’n rioghachd fhein! ’S a nis,” ars’ esan, ’s e tionndadh ri Iain Mór ’s a toirt dha ’bhotuil, “chual’ thu na th’ agad ri dheanamh, ’s mur a dean thu e thun na litreach, bidh agad ri lan a’ bhotuil dhe d’ fhuil fhein òl, agus am botul a chur na d’ amhaich na dheigh!” Air do dh’ Iain mort a sheann charaid fhaicinn, cha robh boinne fala ann nach robh ’goil—dh’ fhàs gach feithe na chom mar a chruaidh—dh’ fhàs a’ cheann aotrom, ach cha do leig e dad air. Rug e air a bhotul á laimh an t-Sasunnaich, ’s e gu math pàiteach. Chrath e ’cheann, a ciallachadh ma b’ fhior nach robh e g’a thuigsinn, is chàirich e gu toilichte am botul air a cheann, ’s thràigh e h-uile boinne. Le glaodh uamhasach—“Dia is righ Seumas!”—mar an dealanach dh’ amais e ’m botul eadar an da shùil air a chaiptean, a dh’ fhàg gun chrith e, ’s mu ’n do thàrr iad sealltainn uca no uatha, spìon e ’chlaidheamh mor, earbsach fhein o’n tacharan a bha ’ga ghiùlan. Chruinnich e e-fhein, ’s ged a bha iad a brùchdadh mu ’n cuairt da mar na druidean mu sheabhaig, ghearr e rathad am mach, ’s cha bu Shasunnach a chuireadh it’ á Iain Mór nan Ord, ach e aon uair làn a choise fhaighinn de mhonaidhean a dhùthcha fhein. Bha i nis gu math dorcha, ’s an ùine ghearr dh’ fhàg Iain Mór a naimhdean gu fada na dheigh. Bha ’n oidhch’ air tuiteam gu dearbh-oidhche dhubh, aognaidh air iomadh dòigh—oidhche an t-siathamh latha deug de dh’ April, 1746. Sgìth, airtneulach ’s mar a bha Iain Mór chum e roimhe, gun smaointean co ’n taobh an robh e dol, agus coma ach astar math a chur eadar e fhein ’s àit an àir fhuiltich a dh’ fhàg e. Bha ’inntinn troimhe-chéile, ’s bha e ’gluasad mar neach na chadal, gu suas ri uair mharbh na h-oidhche. Thog e ’shùilean an sin agus chunnaic e rionnag mhùgach air thoiseach air ’s an dorchadas ’s i gu math àrd. Shaoil leis gu ’n robh i astar mor bhuaithe, ach thug e crathadh air fhein is rinn e dìreach air an t-solus, co dhiubh ’s e caraide no nàmhaid a thachradh ris. Gun dàil thòisich Iain ri dìreadh bearradh cas, agus ciod a b’ iongantaiche leis na, mu ’n d’ rainig e ’mhullach, tighinn thun a bhothain as an robh ’n rionnag sholuis a priobadh an dràsda ’s a rithist troimh tholl uinneig. Chaidh Iain gu neo-sgàthach thun an doruis, is bhuail e gu cruaidh. Am priobadh na sùla, agus cho sàmhach ’s ged bu chladh e, chaidh an solus a mhùchadh, ’s bha dorchadas a riaghladh am muigh ’s a stigh. Bhuail Iain an darna h-uair, agus ghlaodh e, “Ann an ainm Dhé, fosglaibh an dorus do dh’ fhògarach sgìth agus acrach?” An tiota chual’ e cuideiginn a’ tighinn thus an doruis le cabhaig, [TD 218] [Vol. 10. No. 29. p. 2] ’s ag radh, “Guth Iain Mhóir! guth Iain Mhóir, mur ’eil mi meallta; agus is cinnteach nach ’eil m’ athair fada bhuaithe!” Dh’ aithnich Iain Mór le toileachadh guth Eachuinn mac Dhomhuill Chiar, agus bu chruaidh an sgeul a bh’ aige ri thoirt dha ’n uair a chaidh gach ni ’bha ri cùl an doruis a thoirt bhuaithe, agus a fhuair e steach. Cha dubhairt Eachunn a bheag nuair a chual’ e mu bhàs ’athar. Dhruid a bhilibh fuar air a chéile, ’s rinn e greim iarnaidh air a bhiodaig a bh’ air a chliathaich. Bha co-fhaireachadh aig Iain ris an òganach na thrioblaid, oir cha robh màthair no piuthar no bràthair aige no daimheach a nis beò air thalamh. Bu chruaidh a nis leis an òganach am mi-fhortan a sgar e o athair ’sa bhlàr an là ud; oir bha e ’smaointean na ’m biodh e ri ’thaobh gu ’n robh e air aona chuid a shàbaladh airneo a cholunn òg fhéin fhàgail ri ’thaobh eadar e ’s a naimhdean air sliabh fuar Chùilfhodair. Rug Iain Mór air laimh air, agus threòraich e thun a ghealbhain bhig e a bha ’n ceann eile ’bhothain, far an robh cailleach bheag aosmhor na suidhe ’turaman, an deigh ’n crùisgein dubh a lasadh. An uair a thainig na fir thun an t-soluis sheall iad an doimhne sùilean a chéile, a deanamh bòid shàmhach aicheamhail a ghabhail air an naimhdean an eirig so. Cha robh feum air briathran;’ bha iad a’ faicinn rùin inntinn a chéile ’san t-sùil—sgàthan an anama—cho soilleir ’s ged a bhiodh an teanga bu ghleusda g’a chur an geill ann am briathran. Chaidh an dorus a chrannadh, is callaid làidir a chur ri chùl mar a bha e roimhe, agus fhuair a chailleach bheag teannacas do dh’ Iain Mór—cuach bhainne agus cnap de chàise bainne ghobhar—biadh bu mhìsle air ’n do bhlais e riamh, agus a thug neart agus misneach ùr dha. ’S i bantrach bhochd a bh’ anns a chaillich so; is bha ’h-aon mhac, dòchas a sean aoise, a mach le ’cheann-feadhna fo bhrataich Thearlaich an là ud, agus, ged nach robh fios aic’ air, na shìneadh fuar gun deò. Bha i ann an staid inntinn thruagh nach robh e ’tighinn, ’s cha robh fuaim a dheanadh a ghaoth no gluasad eile ’chluinneadh i, nach robh a ceann glas a togail, is dòchas a boillsgeadh na ’gnùis phreasaich, chòir, a bh’ air a smàladh an ath mhionaid, ’nuair a thuiteadh a ceann air a h-uchd, is thòisicheadh an turaman brònach mar a bha i roimhe. B’ ann air a shon a bha solus aice ris an uinneig a rinn iùil do dh’ Iain Mór, agus a bha, mu ’n rachadh an oidhche thairis a dol a tharruinn aoidhean coimheach, nach b’ e ’m beatha ann cho math. Bha ’m bothan air a thogail an taobh a bhruthaich, an aghaidh de chloich air a càradh mar a dh’ fhàs i, ’s an cùl air a chladhach as a bhruthach, air chor ’s gu ’n robh na ceanglaichean a laidhe air a chnoc bheò. Bha ’n cnoc àrd, biorach, ’s mar sin bha dorus diomhair no toll air a ghearradh a stigh taobh a’ chnoic ’sa bhothan ’s air a dheagh fhalach, ’s a tighinn am mach air taobh eile ’chnoic an tom seillich. Fhuair na fir am mach mu ’n dorus dhiomhair so, ’s bha iad a bruidhinn uime, ’nuair a chual’ iad faragradh is fuaim iomadh cois a tighinn dlùth dhaibh. Chuir iad as an solus ’sa mhionaid agus smal iad an teine. Gun dàil chualas bualadh cruaidh ’san dorus, agus’ guth àrd, feargach na chois ag eigheach, “Fosglaibh so gun dàil, ann an ainm an righ?” (Ri leantuinn.) AONADH NAN CUIDEACHDAN—Tha cuideachd a’ Ghuail agus cuideachd an Iaruinn a nis air an aonadh, agus an deigh so bidh iad fo ’n aon riaghladh. Tha H. M. Whitney an deigh a dhreuchd anns an da chuideachd a leigeil dheth, agus tha Seumas Ros á Montreal air ’aite ghabhail mar cheann-suidhe. Turus Ruairidh do ’n Exhibition. FACAL AIR AN FHACAL MAR A CHUALAS UAITHE FHEIN. II. THUG Seumas Mac-an-Toisich sios do ’n chàbin mi, agus a mhic an t-saoghail! b’ e sin aon seomar cho briagha ’s a chunnaic mo shuil chinn riamh. Cha robh mi ’n duil riamh gus a sid gu ’n gabhadh seomar cho briagha sid deanamh ann am broinn luinge. “Is cinnteach, a Ruairidh,” arsa Seumas, “gu ’m b’ fheairrde sibh deur beag de stuth na Toiseachd. Tha greis o ’n a dh’ fhalbh sibh o ’n taigh.” “Ma ta, a charaid choir,” arsa mise, “cha chreid mi gu ’n deanadh deur dheth cron sam bith orm aig a’ cheart àm so fhein. Cha deachaidh norradh air mo shuil an raoir leis mar a bha mi cho tric a’ smaointean air an turus a bha romham.” Bhuail Seumas glag beag a bha ’n aiteiginn faisg’ air, agus dh’ iarr e air fear caol, glas a thainig far an robh e, dram a thoirt g’ a ionnsuidh. Ann an tiotadh thainig e air ais agus botul briagha ochd-shlisneach, tha mi’n duil, luma lan uisge-bheatha aig ’na laimh, agus chuir e air a’ bhord air ar beulaobh e. Chaidh e as an t-sealladh mar gu ’n deanadh an dealanach, agus ann an tiotadh bha e air ais a rithist agus glainneachan is tumailearan aige, agus chuir e air ar beulaobh iad. An uair a thug Seumas lamh air a’ bhotul gus na glaineachan a lionadh, thuirt mi ris: “Cha ’n fhaod e bhith, a Sheumais, gu ’m bheil e nad’ bheachd an daorach a chur orm an uair a dh’ ordaich thu do ’n fhear chaol ud am botul mar a tha e a thoirt dhut? Cuimhnich nach gabh mise ach an aon ghlaine air a’ cheann so dhe ’n latha co dhiubh. Agus tha e gle ghorach dhutsa botul a cheannach. Car son nach d’iarr thu siolla? Dheanadh aon ghlaine an gnothach dhut fhein cho math riumsa. Tha mi ’n dochas nach ’eil thu air fas cho trom air an ol ’s gu ’n teid agad air luma lan a’ bhotuil ol aig aon suidhe.” Rinn Seumas lascan mor gaire, agus thuirt e: “Cuimhnichibh a Ruaraidh, gur ann a tha sinn an drasta ann an seomar nan daoin’ uaisle. Is ann mar urram ruinn a chuireadh am botul lan air ar beulaobh. Tha de mheas ac’ oirnn gu ’m bheil iad a’ creidsinn nach ol sinn ach na phàigheas sinn.” An uair a thainig àm na dinearach, shuidh mi aig a’ bhord ri taobh Sheumais; agus a charaid, b’ e sid am bord! Cha ’n fhaca mise riamh roimhe a leithid. Cha robh de dh’ eagal an t-saoghail orm ach gu ’m bristinn feadhainn dhe na soithichean a bh’ air mo bheulaobh. Ach ged a bha pailteas dhe gach biadh a b’ fhearr na cheile air a’ bhord, cha mhor a ghabh mise dheth. Air a shon sin, phaigh mi gle dhaor air son a’ bheagain a ghabh mi. Bheirinn mo mhionnan nach d’ ith mi luach sia sgillinn dhe ’n bhiadh, agus b’ fheudar dhomh mo leth-chrun geal a phaigheadh air a shon! Bha rud eil’ ann a chum mi o bharrachd dhe ’n bhiadh a ghabhail, agus b’ e sin mar a bha m’ aire air a togail cho mor le boirionnach a bha mu m’ choinneamh air an taobh eile dhe ’n bhord. Tha mi ’faicinn fiamh gaire air do ghnuis, a charaid; is docha gu ’m bheil thu ’smaointean gu ’n do ghabh mi tlachd dhi. Is fhada uam a ghabhadh e. Ged a bhithinn-sa ’nam sheann fhleasgach, agus mi cho toileach posadh ri mac mathar a tha beo, cha ghabhainn i ged a gheibhinn deich mile punnd Sasunnach leatha. Cha robh innte ach te chutach, ghollach, reamhar. Cha robh maise sam bith oirre a b’ urrainn domhs’ fhaicinn; ach air a shon sin, cha teid i as mo chuimhne-sa ri mo bheo shaoghail. Gun fhacal breige, dh’ ith i a’ cheart uiread ri ceathrar dhe na fir a bh’ aig a’ bhord. Saoil thusa nach robh eagal ormsa mu dheireadh gu ’n spraidheadh i. Ma ’s e sid seorsa ’bhios gu tric a’ gabhail an turuis air na bataichean, cha ’n ’eil ioghnadh ormsa ged a dh’ fheumas na stiùbhardan leith-chrun iarraidh air son a h-uile beidh a dh’ itheas iad. Is fhad o ’n a chuala mi am facal, “Diolaidh coireach no neo-choireach.” Agus tha amhrus agam gur e sid a thug air an stiubhard an aon uiread iarraidh ormsa ’s a dh’ iarr e oirrese, ged a dh’ ith i ’sheachd uiread rium. An uair a bha sinn a’ gabhail na ti feasgair, thug mi an aire mhath nach suidhinn m’ a coinneamh air son rud sam bith. Chaidh agam, air an aobhar sin, air mo dheadh thi a ghabhail, agus bha mi gle fheumach oirre. An uair a thainig an t-àm dhuinn dol a laidhe, chuireadh a steach mi do sheomar beag cho grinn ’s cho glan ’s a chunnaic mi riamh. Bha da leabaidh ann—te os cionn te mar gu ’m faiceadh tu sgeilpeannan ann am preasa. Chaidh Seumas a steach do ’n t-seomar so comhladh rium gus rud no dha sonraichte a bh’ anns an t-seomar a leigeadh fhaicinn domh, agus thuirt e rium gu ‘m b’ fhearr dhomh a dhol a laidhe do ’n te ’b’ isle dhe na leapannan, air dhoigh ’s nan tachradh dhomh car a chur dhiom air an oidhche, agus tuiteam am mach as an leabaidh, nach fhaighinn leagadh mor. Bha ’n leaba direach mu ’n aon fhad ’s mu ’n aon leud rium fhin, agus an uair a shuidhinn innte bhiodh mo cheann a’ bualadh ann an urlar na leapadh a bh’ as mo chionn. Ged a chaidh mi laidhe, cha b’ ann gu cadal. Bha ’n leaba cho cumhang, agus bha ’n seomar cho annasach ’s nach robh norradh a’ tighinn air mo shuil. Mu dheireadh thainig rudeiginn de dhusal cadail orm; ach an uair a bha mi air thuar tuiteam ann an cadal trom, chuala mi ’bhith ’fosgladh dorus an t-seomair. Chuir fear a cheann a steach, agus thug e suil thall ’s a bhos air feadh an t-seomair, agus an uair a thug e ’cheann air ais, agus a dhuin e ’n dorus, chuala mi e ’bruidhinn, agus dh’ aithnich mi, gur e Sasunnach a bh’ ann, oir cha robh mi ach gann a tuigsinn aon fhacal dhe na bha e ’g radh. “Tha mi ’n dochas,” arsa mise rium fhein, “nach tig am fear ud a chadal do ’n t-seomar so.” Ach mu ’n gann a leig mi am facal as mo bheul, thainig e steach do ’n t-seomar, agus thoisich e ri cur dheth ’aodaich. Cha do mhi-chord a choltas rium idir; ach dh’ aithnich mi gur e Sasunnach a bh’ ann. Cha robh e fada ’s an leabaidh an uair a thuit e ’na chadal. Ach ma chaidil esan, cha do chaidil mise. Bha srann aige a chuireadh eagal air dearg mheirleach. An drasta ’s a rithist shaoilinn gu ’n robh e gus a bhith air a thachdadh. Thoisicheadh an t-srann beag an toiseach, agus beag air bheag bhiodh i ’sior dhol na bu mho, gus mu dheireadh an robh an anail aige stad. Bha mi ’n duil an toiseach nach fhaigheadh e ’anail tuilleadh; agus bha fior eagal orm gu ’m faigheadh e bas anns an leabaidh as mo chionn. Eadar a h-uile rud a bh’ ann cha d’ fhuair mi norradh cadail. An uair a shoilleirich an latha dh’ eirich mi, agus chaidh mi suas an staidhre. Bha madainn anabarrach briagh’ ann, agus bha sealladh math ri fhaicinn aig an àm, oir bha ’sinn a’ seòladh troimh na Caoil-Bòdach. An uair a bha ’bhraiceist deiseil, thainig am fear [TD 219] [Vol. 10. No. 29. p. 3] caol air an d’ thug mi iomradh mar tha, a nios an staidhre, agus glag aig ’na laimh g’ ar cuireadh thun a’ bheidh, agus a dh’ innseadh na firinn dhut, theab e mo bhodhradh leis a’ ghleadhar a thug e air a’ ghlag. Ghabh mi mo bhraiceist gle mhath, oir bha acras gu leor orm an deigh na caithris agus na rinn mi de spaisdearachd air bord; agus ged a phaigh mi mo dha thasdan air son na dh’ ith mi, cha robh mo shuil na dheigh. Bha mi gle shunndach an deigh mo bheidh, agus bha greis de chomhradh taitneach agam ris an sgiobair choir, ri mo charaid Seumas Mac-an-Toisich, agus ri tuathanach coir a bha ’gabhail a thuruis mar a bha mi fhin. Agus bha mi ’n duil nach robh mi-fhortan sam bith gu tachairt dhomh gus an ruiginn. Ach cha b’ ann mar sinn a bha. An deigh dhuinn a dhol seachad air Bòid agus air Arainn, bha mi ’nam sheasamh faisge air fear dhe na crainn, agus mi ’g amharc air fear dhe na seoladairean a bha ’dol suas a chur bhearnais air a’ chrann ard. Bha mi ’gabhail ioghnaidh leis cho subailte ’s a bha e, agus mar a bha e ’laimhseachadh a’ chrogain agus na brush a bha ’na laimh. Thuit a’ bhrush as a laimh, agus chaidh mise, mar nach d’ iarr am fortan orm, a thogail na brush gus a sineadh dha, agus direach an uair a thog mi mo cheann an deigh dhomh a’ bhrush a thogail, a nuas a ghabh an crogan anns an robh a’ bhearnais, agus dhoirt na bh’ ann mu m’ cheann ’s mu m’ ghuaillean, agus theabas mo bhathadh as mo sheasamh. Thachair gu ’n robh aireamh dhe ’n luchd-turuis faisge air an aite anns an robh mi, agus chluinneadh tu mile air astar an lasgan gaire a rinn iad an uair a chunnaic iad an t-oineadh anns an robh mi. Chruinnich iad mu ’n cuairt orm, agus an aon drein ghaireachdaich air a h-uile aon dhiubh. Bha mi ann an sid agus faileas asam o mhullach mo chinn gu bonn mo choise mar gu ’m faiceadh tu ron a bhiodh an deigh tighinn am barr. Agus ged a bha mi gle dhiumbach dhe na daoine ’bha sior ghaireachdaich mu ’n cuairt orm, cha b’ urrainn domh gun a bhith gaireachdaich cho math riutha fhein. Ach cha ghabh e innseadh cho dorannach ’s a bha mi an uair a chunnaic mi gu ’n robh mo dheadh dheise air a milleadh. Cha robh guth ri radh o nach do spadadh mi far an robh mi ’nam sheasamh. Na ’n do thachair gu ’n do bhuail earradh a’ chrogain orm ann am mullach mo chinn, bha mi air tuiteam marbh gun sgrid air an dec. Ach direach mar gu ’n caireadh lamh duine ann e, chaidh an crogan ’s na bh’ ann mu chrun na h-aide mu m’ cheann. Bhruchd a’bhearnais sios mu m’ ghuaillean, air mo chulaobh, agus air mo bheulaobh, agus mu ’n do tharr mi sealltainn ugam no uam, bha struth asam gu m’ shailean. Thainig an tuathanach coir air an d’ thug mi iomradh mar tha far an robh mi, agus thuirt e rium gu ’m feumadh na daoine do ’m buineadh am bata mo dheadh dheise ’phaigheadh dhomh, o ’n a bha e air a shuidheachadh le lagh na rioghachd gu ’m feumadh a h-uile maighstir paigheadh air son call sam bith a dheanteadh le coireannan a luchd-muinntir. “Ach, cia mar air an t-saoghal,” arsa mise, “a theid mise ann an lathair criosduidh anns an oineadh so? Cha leig mo naire leamsa, ged nach ’eil annam ach duine bochd, mi fhin a nochdadh ann am fianuis mo chairdean agus struth is faileas asam mar a bhios as na caoirich agaibh fhein an uair a bhios sibh ’g an tumadh.” Thoisich a h-uile duine riamh a bha ’nan seasamh mu ’n cuairt orm ri gaireachdaich an uair a chual’ iad so. Agus thug mi ’n aire aig an àm, gu ’n robh an Sasunnach mor a bha ’na chadal anns an t-seomar comhladh rium an oidhche roimhe sid, a’ falbh o dhuine gu duine mar gu ’m biodh e ’g iarraidh airgid orra. Cha robh duine thun an rachadh e nach robh ’fosgladh a sporrain agus a’ toirt ’bonn airgid dha. Cha do smaoinich mi idir gu ’m b’ ann air mo shon fhin a bha e ’cruinneachadh an airgid. Shaoil mi gur ann a bha e ’cruinneachadh an airgid air son cuideachadh a dheanamh leis na bantraichean ’s na dilleachdain a dh’ fhag na saighdearan treuna ’leig sios am beatha ’cogadh air son an righ agus an duthchadh ann an Africa, agus shuidhich mi ’nam inntinn fhin gu ’n tugainn dha tasdan no dha dhe ’n bheagan a bh’ agam ’nam sporran. Agus an uair a chuir mi mo lamh ann am pocaid na briogais gus an sporran a thoirt aisde, bha mo phocaid lan bhearnais. (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. XV. AM feadh ’s a bha ’n righ agus Sobaide a’ connsachadh gu teith, teann mu ’n chuis, bha Abon Hasan, air dha bhith cinnnteach gu ’n eireadh a leithid de chonnsachadh eatorra, gle mhath ’na fhaireachadh a thaobh gach ni a bha gu tachairt. Bha e fhein ’s a bhean nan suidh’ aig an uinneig agus iad a’ comhradh ri cheile an uair a thug e an aire do Mhesrour a’ tighinn thun an taighe, agus thuig e anns a’ mhionaid ciod e ’n gnothach a thug Mesrour thun an taighe. Ghrad dh’ iarr e air a mhnaoi i fhein a leigeadh ’na sineadh a rithist air an urlar mar gu ’m biodh i marbh. Thainig an gnothach a bh’ ann cho cabhagach orra ’s gur gann a fhuair Abon Hasan de dh’ uine na phaisg a bhean anns an aodach mhairbh mu ’n d’ thàinig Mesrour a steach. Dh’ fhosgail e an dorus do ’Mhesrour, agus le coltas a’ bhroin air a ghnuis, agus a neapaiginn ni ’shuilean, shuidh e gun fhacal a radh air an urlar aig ceann na mna. An uair a thainig Mesrour a steach, agus a chunnaic e mar a bha cuisean, bha e car toilichte ’na inntinn, a thaobh an turuis air an do chuir an righ e. An uair a thug Abon Hasan an aire dha, dh’ eirich e ’na choinneamh, agus an uair a thug e pog dh’ a laimh mar urram dha, thuirt e, agus e ’g osnaich ’s ag ochanaich: “Tha sibh ’g am fhaicinn, mo thighearna, anns an amhghair cho mor ’s a b’ urrainn tighinn orm; bas mo bhean ghaoil, Noushatal, air an do bhuilich sibhse iomadh fabhar.” Thug na chunnaic ’s na chual’ e air Mesrour toiseachadh ri sileadh nan deur air son na te a bha ’na sineadh marbh, a reir choltas, air an urlar. Thog e ’n t-aodach bhar a h-aghaidh, agus sheall e tiotadh oirre. Leig e sios an t-aodach mar a bha e roimhe, agus thuirt e ’s e ’tarruinn osna throm: “Cha ’n ’eil ann ach an aon Dia. Feumaidh sinn uile a bhith umhail d’ a thoil, agus feumaidh a h-uile creutair tilleadh g’ a ionnsuidh. A Noushatal, mo phiuthar mhath,” ars’ esan ’s e ’g osnaich, “bha do laithean-sa gle ghearr: gu ’n deanadh Dia trocair ort.” An sin thionndaidh e ri Abon Hasan, a bha ’sileadh nan deur gu frasach aig an am, agus thuirt e ris: “Faodaidh mi a radh le firinn, gu ’m bheil na mnathan iomadh uair faoin ’nam barail, agus a’ call an ceille ann an doigh nach urrainnear mathanas a thoirt dhaibh. Tha Sobaide, ged a tha i ’na bana-mhaighstir mhath, anns an t-suideachadh ud an drasta. Tha i ’feuchainn ri thoirt air an righ a chreidsinn gur tusa a tha marbh, agus nach e do bhean; agus a dh’ aindeoin na their an righ ’na h-aghaidh, cha ’n urrainn e thoirt oirre ’chreidsinn nach i fhein a tha ceart. Ghairm e mise gus fianuis a thogail air a thaobh; oir mar a tha fhios agad, bha mise anns an lathrach an uair a thainig tu ’dh’ innseadh na naigheachd bhronach dha; ach cha toir sin oirrese geilleadh dha. Tha iad le cheile fada ’nam barail fhein. Agus gus a dhearbhadh do ’n bhanrigh gur i a tha cearr, chuir an righ mise an so a chum gu ’m faighinn am mach an fhirinn, ach tha eagal orm nach creidear mi; oir aon uair ’s gu ’n gabh na mnathan rud ’nan cinn, seasaidh iad ris fhad ’s a bhios an deo annta.” “Gu ’n gleidheadh Dia a thur ’s a chiall i do Cheannard nan Creidmheach,” ars’ Abon Hasan, agus e ’gul ’s ag ochanaich, gun stad; “tha sibh a’ faicinn mar a tha cuisean, agus nach d’ thug mi an car as an righ. Bu mhath dhomhsa,” ars’ esan, “nach robh aobhar sam bith agam air droch naigheachd innseadh do ’n righ. Ochan! cha ’n urrainn mi cainnt a chur air a’ chall a thainig orm—call nach gabh leasachadh.” “Tha sin fior gu leor,” arsa Mesrour; “agus faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi riut gu ’m bheil bron gu leor ormsa mu d’ dheidhinn. Ach feumaidh tu comhfhurtachd a ghabhail, agus gun thu fhein a thoirt thairis do bhron buileach glan. Tha mi ’falbh na ’s traithe na bu mhiann leam, oir feumaidh mi tilleadh thun an righ le fios mar a tha cuisean; ach tha mi ’guidh’ ort nach tiodhlaic thu i gus an tig mi rithist; oir bheir mi dhut cuideachadh aig an tiodhlacadh, agus cuiridh mi suas urnuighean.” Thill Mesrour gu fios a thoirt do ’n righ mar a bha. Lean Abon Hasan e thun an doruis, agus thuirt e ris nach robh e airidh air an urram a bha e toileach a chur air. Agus air eagal gu ’n tilleadh Mesrour gu tuilleadh a radh ris, chum e a shuil air gus an deachaidh e astar math e ’n dorus. An sin thill e, agus thug e air a mhnaoi eirigh as an aite anns an robh i ’na sineadh. “Tha ’n tuilleadh spors againn a nis,” ars’ esan, “ach tha amhrus agam nach ann ullamh dheth a tha sinn. Cinnteach gu leor cha chreid Sobaide facal dhe na dh’ innseas Mesrour, ach ni i gaire ’fanaid air, o ’n a tha dearbhadh gu leor aice nach ’eil na their e fior; air an aobhar sin faodaidh sinn a bhith cinnteach gu ’n tachair gnothaichean eile ’an lorg so fhathast.” Am feadh ’s a bha Abon Hasan a’ labhairt mar so, bha Noushatal a’ cur a cuid aodaich uimpe. Shuidh iad le cheile air sofa mu choinneamh na h-uinneig, far am faiceadh iad gach ni a bhiodh a’ tachairt. Anns a’ cheart am rainig Mesrour an seomar aig Sobaide, agus an uair a chaidh e steach, bha fiamh gaire air, agus bhuail e a bhasan ri cheile mar gu ’m deanadh neach aig am biodh naigheachd math ri innseadh. Bha ’n righ gu nadarra ’gabhail fadachd gus an cluinneadh e an fhìrinn mu dheidhinn a’ ghnothaich, oir bha beagan dorrain air a chionn a’ bhanrigh a bhith cho fada ’na barail fhein. Air an aobhar sin, cho luath ’s a choinnich e Mesrour, thuirt e: “A sheirbhisich thruaillidh, an e so am gu bhith gaireachdaich? C’ar son nach ’eil thu ’grad innseadh co dhiubh a tha marbh am fear mo ’bhean? “A Cheannaird nan Creidmheach,” fhreagair Mesrour, agus e ’cur fiamh a’ bhroin air a ghnuis, “is e Noushatal a tha marbh, agus tha Abon Hasan ’g a caoidh a cheart cho trom ’s a bha e an uair a thainig e ’n ’ur lathair fhein.” Cha do leig an righ leis a dhol air aghart na b’ fhaide le ’naigheachd, ach rinn e gaire cridheil, agus thuirt e: “Is math do naigheachd! Tiot- (Air a leantuinn air taobh 222.) [TD 220] [Vol. 10. No. 29. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, APRIL 25, 1902. Na Cisean Ura. THA iomadh bliadhna o’n bha Breatunn na dùthaich Saor Mhalairt, ’s e sin dùthaich anns nach robh cìsean cusbuinn air an leagail air bathar de sheòrsa sam bith air son cothrom a thoirt d’a sluagh fein thar sluaigh dhùthchannan eile. Na bha de chìsean air an leagail, b’ ann air son teachd a stigh a bha feumail gus cosdus na rioghachd a sheasamh a bha iad, agus cha b’ ann air son cothrom a thoirt do aon bhuidheann seach buidheann eile buanachd a dheanamh le bhi daoradh bathair dhùthchannan eile. Ach a reir coltais, tha car eile ’sa chùis a nis. Tha an riaghladh an deigh cìs a chur air flùr ’s air cruithneachd a thig á dùthchannan céin. Cha ’n eil a’ chìs ach gle bheag—tri sgillinnean air a’ cheud punnd cruithneachd, is coig sgillinnean air a’ cheud punnd flùir. Cha mhor daoraidh a ni sin air an aran, ach tha cuid ga ’ghabhail mar chomharradh gu bheil an riaghladh an impis cùl a chur ri Saor Mhalairt, agus gur h-e so an ceud cheum. Dleasdanas an t-Sluaigh. CLUINNEAR gu tric daoine gearain air luchd na pàrlamaid, nach eil iad a’ deanamh mar a dh’ fhaodadh iad air son math na dùthcha, agus nach eil iad am bitheantas ag imeachd air slighe ’n dleasdanais, ach air slighe na furasdachd. Tha fhios gu bheil sin daonnan fior mu chuid mhor de bhuill ar pàrlamaidean, agus gur àireamh bheag dhiubh mu nach eil e fior uair no uaireigin. Tha e nàdarra do ’n duine an t-slighe tha furasda ghabhail a roghainn air an t-slighe tha doirbh, agus tha slighe ’s dleasdanais mar is trice doirbh. Agus tha buairidhean làidir a cuartachadh luchd-pàrlamaid, cho làidir ’s nach eil e na iongantas idir na h-uiread dhiubh a bhi tuiteam. A reir barail cuid de dhaoine, cha ’n eil seasmhachd no dìlseachd do ’n chòir ’s do ’n cheart ri chur mar fhiachaibh air fear-comhairle no fear-pàrlamaid, agus ’s e a’ bharail sin a bhi cumanta is coireach na h-uiread dhe na h-uaislean sin a bhi cho tric a’ dol an cois an dleasdanais. Na ’n robh iad dearbh chinnteach gu ’m biodh gach mearachd agus mi-dhìlseachd air an cuimhneachadh na ’n aghaidh ’s air an cronachadh gu geur air latha ’n taghaidh, cha bhiodh an cuid mhearachdan cho lionmhor, no am mi-dhìlseachd cho dalma. Ach tha a mhor chuid dhe ’n t-sluagh mar gu ’m biodh iad na ’n cadal: cha ’n fheòraich ’s cha ’n fhiosraich iad ciod a tha dol air adhart ’sa chomhairle no ’sa phàrlamaid, agus tha iad coma co-dhiù is reachdan matha no dona thatar a deanamh le luchd-riaghlaidh na dùthcha. Their moran ruinn nach eil ann-san aig am bheil àite-suidhe ’sa chomhairle no ’sa phàrlamaid ach mac-samhuill an t-sluaigh a chuir ann e. Cha ’n eil sin fior. Faodaidh e bhi fior mu chuid, ach cha ’n eil e fior mu ’n mhor chuid. Far am bheil an sluagh furachail, bidh e doirbh do dhuine bhi air a thaghadh mur eil e dìleas agus onarach, ach far am bheil an sluagh mi-shuimeil—agus tha eagal oirnn gur ann mar sin a tha tuilleadh ’sa choir dhiubh—bidh iad buailteach air an cùisean earbsa ris an fhear is sleamhna teanga co-dhiù tha e comharraichte air son fìrinn is onair no nach eil. Is còir do ’n t-sluagh dùsgadh, agus barrachd suim a ghabhail de chùisean-riaghlaidh na dùthcha. Is iad fein da-rireadh an luchd-riaghlaidh; cha ’n eil annta-san a tha iad a’ cur a dh’ amharc thairis air cùisean na dùthcha ach seirbhisich, agus is còir dhaibh an duaiseachadh no am peanasachadh a reir an toillteanais. Na ’n deanadh iad sin, cha bhiodh iad cho tric a’ gearan; cha bhiodh na h-aobhair aca, oir cha ’n eil ni ann a’s fhearr gu duine chumail dìreach na fios a bhi aige, ma ni e cionta, nach teid e as o’n pheanas. Tuigeamaid, ma ta, mur eil ar luchd-riaghlaidh a’ deanamh mar bu chòir dhaibh, gur ann againn fein mar shluagh na dùthcha a tha ’choire, agus gur ann dhuinn fein a mhàin a bhuineas a leasachadh. Filidh na Coille. THA dha no tri de dhuilleagan aig toiseach an leabhair a tha ro fheumail do luchd-ionnsachaidh Gaidhlig. Tha fuaim nan litrichean air am mìneachadh gu soilleir. A bharrachd air a sin tha an dòigh ’sa bheil na facail air an cur ri ’cheile agus ri am fuaimneachadh air an deanamh lan shoilleir do dhuine sam bith a thuigeas Gaidhlig idir. Ma leanas duine na seolaidhean a tha air an toirt seachad faodaidh e na h-òrain a tha san leabhar agus MAC-TALLA a leughadh gu furasda an ceann da sheachdain. Tha criomagan de dh-òrain a Bhaird Mhic-Gilleain aig moran air an teanga. Ni sin e ro fhurasda dhaibh an leabhar a leughadh. Co nach cuala na sreathan a leanas? Nuair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd Bidh sneachd’ a dlùthadh ri cùl nan geug, Gu domhain dùmhail dol thar na glùine, ’S ge math an triubhsair cha dean i feum Gun stocain dhùbailt ’s a mhoguis chlùdach ’Bhios air a dùnadh gu dlùth le éill. B’ e ’m fasan ùr dhuinn a cosg le fionndadh, Mar chaidh a rùsgadh de ’n bhrùid an dé. Deoch slàint’ a Chuairteir a ghluais á Albainn, Bho thìr nam mòr bheann ’s a sheol an fhairge, Do ’n dùthaich choilltich s’ thoirt dhuinn a sheanachais; ’S am fear nach òl i bidh moran feirg ris. Cha ’n ioghnadh òigridh thoirt moran spéis da, Nuair tha na seann daoin’ tha call an léirsinn, ’S an cinn air liathadh, cho dian an déidh air, ’S nach dean iad fhaicinn mar cleachd iad spéuclair. Thainig dìth air an àrdraich Nuair a dh-éirich muir-bàite fo chròic; Thuit craobh-ubhal mo ghàraidh, ’S gun do fhroiseadh am blàth feadh an fheòir. Chaidh mo choinneal a smàladh, ’Bu ghlan solus a dearrsadh mu ’n bhòrd; Bhrisd an gloine bha ’m sgàthan, Dh’ fhalbh an daoimean á m’ fhàine glan òir. Nuair rùisgeadh iad am brataichean, ’S a sheinnt a phiob gu tartarach, Bhiodh cliu air luchd nam breacan Anns gach baiteal mar a chualas. B’ e sud an còmhdach cleachte dhaibh, An t-osan grinn ’s na gartanan, An còta gearr ’s am breacan Air a phasgadh thar an guala. Chaidh òrain a Bhàird Mhic-Gilleain a chur am mach ann an Clàrsach na Coille ’sa bhliadhna 1881. Cha ’n ’eil an leabhar sin ri ’reic anns an dùthaich so, agus ged a bhitheadh chosdadh e dolar. Ann am Filidh na Coille tha beagan de mhearachdan a bha ’san leabhar sin air an cur ceart, agus tha ’n corr de dh-eachdraidh air a toirt seachad. Bha cuid de roinn air am fagail á Clarsach na Coille; ach tha iad sin an nis air an toirt seachad. Tha sinn a faicinn ’san leabhar ùr oran boidheach air Mr. Cailein Grannda nach faca sinn gus a so. Cuiridh sinn Filidh na Coille gu duine sam bith a chuireas leth-dolar g’ ar n-ionnsuidh air a shon. Faodaidh sinn a radh gu bheil Ailein Mac-Gilleain, 28 sràid Chornwallis, Halifax, ga ’reic cuideachd. Ceannaicheadh daoine an leabhar far am faic iad iomchuidh; ach, ma tha meas aca air cainnt am màthar, ceannaicheadh iad e, agus na doireadh iad seachad e do bhleidire a bhios ga iarraidh an iasad. Cor na Gailig. ANNS an àireamh mu dheireadh bha beagan againn ri radh mu chor na Gàilig. Tha sinn a’ faicinn ann an aon de phaipearan na Gàidhealtachd gu robh òraid air a chuspair cheudna air a leughadh aig Ceilidh nan Gàidheal an Glascho deireadh a mhios a chaidh, agus tha sinn a’ meas nach biodh e as an rathad cùnntas aithghearr air na bh’ aig an òraidiche ri radh a thoirt fa chomhair ar leughadairean. Chithear gu bheil na beachdan a tha e cur an céill air a chùis ann an tomhas mor co-ionnan ris na beachdan a bha air an toirt seachad ann am MAC-TALLA. “Chaidh an t-òraidiche gu maith fad air ais ann an eachdraidh anns an dol a mach, agus choimeas e, le mor bhreathnachadh inntinn agus tuigse, an staid anns an robh a’ Ghàidhlig aig gach àm, ri seann chànainean iomraiteach ard-inbheach a bha aon uair ach nach ’eil a nis na ’s mò. Cha robh a réir coltais a’ Ghàidhlig riamh air a bruidhinn le mor àireamh de shluagh an t-saoghail, gidheadh ged a bha i air a luasgadh a null agus a nall le tonnan iargalt’ naimhdeas agus fuath, tha i a’ togail a cinn a rìs, an déigh gach cunnart is càs, an uair a tha a co aoisean agus a luchd-cìosnachaidh a bu mhò buaidh is cliù ’n an sìneadh ann an cadal trom a bhàis, ’s gun r’a fhaotainn dhiù ach cnàmhan spealgta, briste, neo-iomlan air an ruamhar a nuas á talamh na dì-chuimhne. Tha beatha is smior ’s a’ Ghàidhlig fathast, ged is iadsan a tha a leigeadh orra a bhi ’nan càirdean dìleas a tha gu tric ’g a greasadh gu uaigh na ’m b’ urrainn dhaibh. Tha iad a’ glaodhaich a mach, ’Tha ’Ghàidhlig ullamh; cha ’n ’eil roimhpe ach am bàs; cha dean ’ur strìth g’a cumail beò feum sam bith.’ Choimeas an t-òraidiche a’ mhuinntir so ri sgiobadh luinge, ’s i gus dol air a’ chladach, ag éibheach a mach am measg an luchd-turuis, ‘Tha sinn ullamh; tha sinn caillte,’ gun làmh a chur a chuideachadh gu ’m beatha fhéin ’s an co chreutairean a shàbhaladh, ach a sgaoileadh diobhail misnich air gach laimh. Tha ’n linn anns am bheil sinn beò a’ nochdadh gu soilleir gu ’m bheil a Ghàidhlig na ’s beothaile na bha i riamh, ma ’s comharra maith clo-bhualadh leabhraichean agus comuinn Ghàidhlig g’ an cur air an cois anns gach àite, agus anns an t-seadh so tha Eirinn fada, fada air thoiseach air Albainn.” [TD 221] [Vol. 10. No. 29. p. 5] Naigheachdan. AN CEATHRAMH REISEAMAID—Tha an ceathramh réiseamaid a tha Canada a’ cur do Africa mu dheas a’ cruinneachadh ann a Halifacs, agus fàgaidh i am port sin an ceann beagan is seachdain. Dh’ fhalbh aon duine deug á Sidni Di-màirt s’a chaidh agus ochdnar Di-ciaduin. Tha còrr is da mhile saighdear ri bhi ’san reiseamaid, agus mar sin cha ’n eilear a cumail àite sam bith sios ri cunntas suidhichte: gabhar uiread ’sa thairgeas. BAS CIANAIL—Thainig bàs cianail air seana mhnaoi air Abhainn Bhàrnaidh, an siorrachd Phictou. Bu bhantrach i d’ am b’ ainm Nic-Neacail; bha i ceithir fichead is naodh bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha i ’fuireach leatha fein o chionn deich bliadhna fichead. Aon latha air an t seachdain s’a chaidh ghabh am bothan anns an robh i deanamh a dachaidh teine, agus bha i air a losgadh gu bàs. Chunnaic na coimhearsnaich an tigh na theine, ach rainig iad ro-anmoch air son a bhean bhochd a shàbhaladh. LUCHD-IMRICH DO CHANADA—Tha dùil aig àrd-riaghladh Chanada ri tri fichead is deich mile de luchd-imrich a thighinn do ’n dùthaich air a bhliadhna so. Bidh an sin fichead mile bharrachd air na thainig innte an uiridh. Tha moran thuathanach a’ tighinn as na Staidean do ’n Iar-Thuath, agus ni iad deagh luchd-àiteachaidh. Ach tha e cunnartach gu ’n tig iomadh seòrsa sluaigh as an Roinn-Eorpa air nach eil moran iarraidh againn. Tha na Staidean an deigh a dorsan a dhùnadh air a’ ghràisg sin, a bha roimhe so a’ dòrtadh a stigh gach bliadhna, agus bidh sin gle throm air an cur rathad Chanada. FACAL MU ’N T-SIDE—Bha an geamhradh a bh’ againn am bliadhna anabarrach briagha, agus tha an t-earrach gu ruige so a cheart cho briagha ’sa bha an geamhradh. Shil moran uisge, ach bha blàths ann fad na h-ùine. Bha an t-seachdain so ’chaidh ’s an t-seachdain so cho blàth ’s cho grianach ’s a bhiodh e ceart do dhaoin’ iarraidh mu ’n àm so. Ma leanas an t-side cho math ’s a tha i, bidh samhradh tràth againn anns an dùthaich air a’ bhliadhna so. Tha geamhradh an àite so a’ cur ioghnadh gu leòr air daoine ’tha tighinn a nall as an t-seann dùthaich. Cha chuireadh e ioghnadh orra cur is cathadh sneachda fhaicinn an so ’s an iuchar, ach ’se tha cur an ioghnaidh orra nach eil geamhradh Cheap Breatuinn cho fuar no cho greannach ’s a tha geamhradh an dùthcha fhein. MORTAIR R’A CHROCHADH—Tha Bos, am fear a chaidh a ghlacadh ann a Halifacs air amharus moirt toiseach na bliadhna, air fhaotainn ciontach, agus tha e ri bhi air a chrochadh air a choigeamh latha dhe’n t-samhradh. Bha Ros air tighinn do Halifacs air a thurus do Africa mu dheas mar shaighdear nuair chaidh a ghlacadh. Bha e falbh fo’n ainm Bhaltar Gordon. Thugadh air ais do Mhanitoba e, agus aig a chùirt a chaidh a shuidheachadh air son fheuchainn fhuaireadh ciontach e, ’s thugadh binn a bhàis a mach. Mhort e dithis sheann daoine, tuathanaich aig an robh a bheag no mhor de dh’ airgead a bha esan a sanntachadh dha fhéin. An deigh dha am mort a dheanamh, theich e do na Staidean, agus á sin do Cholumbia Bhreatunnach. ’S ann an sin a ghabh e ’san réiseamaid a bha dol do Africa. AMERICA MU DHEAS—Cha mhor gu bheil àm dhe ’n bhliadhna nach eil strìth de sheòrs-eiginn a’ dol air adhart an aon no aon eile de dhùthchannan America mu dheas. Nuair nach bi ceannairc ann an aon seach aon dhiubh bidh cogadh no bagradh cogaidh eadar a dha no tri dhiubh. Tha ceannairc ann an Colombia o chionn àireamh mhios air ais, agus tha e gu ruige so doirbh a radh co ’n taobh a tha ’toirt buaidh. Bha Chili agus Argentina an impis dol a chogadh fad na bliadhna ’n uiridh. Chaidh Breatunn ’san eadraiginn agus thug i orra sith a dheanamh; ach cha d’ rinn iad ach tòiseachadh gun dàil ri iad fein armachadh ’s a neartachadh air son a bhi na b’ fhior ullaichte fa chomhair cogaidh aig àm eile. Ach chuir Breatunn stad air sin cuideachd. Tha araon Argentina is Chili gu trom anns na fiachan aig iochdarain Bhreatuinn, agus cha cheadaicheadh riaghladh na dùthcha sin dhaibh a dhol gu tuilleadh cosduis gus am biodh na fiachan sin pàighte. Tha aca mar sin ris an t-sith a chumail dh’ an aindeoin. SGIORRADH UAMHASACH—Thachair sgiorradh uamhasach ann a Halifacs feasgar Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha triùir dhaoin’ òga ’dol a stigh do ’n bhaile ann an carbad, nuair ghabh an t-each eagal romh chàr sràide, agus theich e. Chaidh e tarsuinn an t-sràid air beulaobh a chàr, agus ruith an càr thairis air, a grad mharbhadh dithis dhe na daoine ’s a’ leònadh an treas fir cho dona ’s nach eil mor dhùil gu ’m bi e fada beò. Bha na daoine air bhi mach air an dùthaich fad an latha ’g iasgach, agus b’ ann a tilleadh dhachaidh a bha iad nuair chaidh am marbhadh. B’ ainmean dh’ an dithis a chaidh a mharbhadh, Padraig Gilfrey is Tearlach Shortall; b’ e Iain Scott a b’ ainm do ’n fhear eile. DO ’N TIGH-OBRACH AIR SON MEAIRLE—Chaidh fear Iain Henneberry, a bha fuireach aig na Coke Ovens, a ghlacadh o chionn ghoirid air son meairle. Bha air fhàgail air gu’n do ghoid e suim airgeid—$262.00—bho dhuin’ eile, fear-cumail taigh-òil. Dh’ aidich e a chionta, ach thuirt e gu robh an daorach air nuair a rinn e a’ mheairle. Thugadh tri bliadhna dhe ’n taigh-obrach dha. Cha robh a leisgeul ri ’ghabhail; cha’n eil leisgeul fir sam bith ri ghabhail a bhios timchioll an òil ach esan a mhàin a bhios ga ’chreic; gheibh esan gach sochair is urrainnear a bhuileachadh air, agus anns na cearnan so cha’n eil an luchd-riaghlaidh os ceann a bhi fiaradh ’s a mùchadh an lagha air son leigeil leis leantuinn air a dhroch mhalairt. ACARSAID PHORT HOOD—O’n chaidh an rathad-iaruinn a chur troimh Phort Hood ’s a dh’ fhosgladh mèinn ghuail ann, tha am baile sin air dùsgadh ’s air teannadh ri fàs. Thatar a nise ’cur mu dhéidhinn acarsaid a dheanamh ann, ni air am bheil an còrsa sin uile gle fheumach. Bha deagh acarsaid aig Port Hood nuair thainig daoine do ’n dùthaich an toiseach. Bha fasgadh air a dheanamh le banca gainmhich a bha sìneadh eadar an cladach ’s an t-eilean; ach chaidh bristeadh air a bhanca sin, agus chaitheadh air falbh e leis an fhairge, gus nach eil a nise mìr dhe ri ’fhaicinn. ’S e an t-àite ’san robh am banca sin a lionadh suas a rithist an aon doigh air an acarsaid a dheanamh an diugh, agus cha’n obair fhaoin tòiseachadh ris. BOERICH BHREATUNNACH—Ged nach eilear ro-thric a toirt iomraidh air, tha àireamh mhor dhe na Boerich an deigh mionnan ùmhlachd do ’n chrùn Bhreatunnach a thobhairt. Na ’m measg so tha am mac is sine aig Pòl Crugar fhein, agus ceithir duine fichead eile de ’n ainm cheudna a tha’n dlùth chàirdeas dha. Tha da mhile dhe na Boerich aig an àm so a’ cogadh an aghaidh an luchd dùthcha, agus tha iad na ’n neart mor do ’n arm Bhreatunnach, oir tha iad mìn-eòlach air an dùthaich, air an luchd-àiteachaidh, ’s air an doìghean cogaidh. Cha’n eil a chùis idir ag amharc cho dorcha air taobh nam Breatunnach ’s a bha i. Tha moran de chloinn nam Boerach air an cumail anns an sgoil air chosdus Bhreatuinn, a dha uiread ’s a bha riamh an taobh a stigh de dh’ ionad-fòghluim ri linn àghmhor Phòil Chrùgair. Nuair gheibh na Boerich òga sin an cinn a lionadh le deagh sgoil cha bhi iad ro-bhuailteach air fàs suas na ’n ceannaircich: ionnsaichidh iad a bhi riaraichte le ’n crannchur, agus taingeil air son nan sochairean a bhios iad a mealtuinn. Nigearan nan Eileanan. FAODAR Nìgearan nan Eileinean a roinn nan tri bùidhnean; na Papùaich ’s na Melanìsich, na h-Astràlaich, is na h-Eileinich Dhubha. Tha na Papùaich ’s na Melanìsich gle choltach ri chéile; cha ’n fheil annta ach da mheur as an aon chraoibh. Gidheadh tha na cainntean aca làn-dhealaichte bho chéile. Tha iad uile na ’n daoin’-itheadairean; ’s e sin, a chuid diu nach do ghabh ris an t-soisgeul. Tha na Papùaich a chòmhnuidh an eilein Ghini Uir, an eilein Aru, agus an sud ’s an so an àiteachan eile. ’S e eilein fior mhor a tha ’n Gini Ur. Tha 1490 mìle air fad ann agus 430 mìle air leud. Tha na Melanìsich a chòmhnuidh anns na h-Eileinibh Dubha, no Melanìsia. Is ann diu a tha treubhan Bhreatainn Uir, Eirinn Uir, Chaledonia Uir, Eromanga, Thana, Aneiteum, agus eileinean eile. Ged a bha eilein mor farsuinn aca dhaibh fein, cha robh na seann Astràilich, no na h-Astràilich dhubha, riamh ro lionmhor, agus cha ’n fheil ann an diugh dhiu ach mu 80,000. Tha cuid diu a tha gu math ard, agus air a bheil feusag eireachdail. Nuair a fhuair na daoine geala a cheud eolas orra, cha robh iad ri ruamhar no cur, cha robh iad a cumail ceithir-chasach ach an cù, agus cha robh bogha no saighead aca. Ach bha ’m bùmarang aca, agus spadadh iad eun leis a cheart cho clis a dheanadh duine le daga. Tha iad na ’n daoine gasda air iomadh doigh. Tha a bhean fein aig a h-uile fear is a fear fein aig a h-uile mnaoi. Tha moran de dh-àbhacas annta, agus tha iad gle mhath air atharrais. Do na h-Eileinich Dhubha buinidh na h-Andamanaich no na Mincopaich, na Semangaich, agus na h-Aetaich. Tha na h-Andamanaich a chòmhnuidh an Eileinean Andaman an Camus Bhengàil. Tha iad mu cheithir troighean is seachd òirlich de dh-àirde. Cha ’n fheil feusag idir orra. Cha ’n fheil taighean no aodach aca. Tha iad na ’n snàmhaichean matha agus na ’m fior shealgairean leis an t-saighid. Tha iad dìleas dha ’m mnathaibh is tha na mnathan dìleas dhaibh-san. Cha bhith mar sin aobhar air bith aca a dhol air thuras gu Chicago no baile mor eile. Tha iad a creidsinn ann an dia ris an abair iad Pùluga. Tha iad dhe ’n bheachd gu bheil e a chòmhnuidh an taigh mor claiche anns na speuraibh, gun do chruthaich e a h-uile ni, ach tri no ceithir de dhroch-spioradan, agus gu bheil e a faicinn gach ni a tha daoine a deanamh air an talamh. Tha iad a creidsinn gu bheil truas anns an dia aca, gu bheil e a deanamh moran de nithibh matha airson dhaoine, agus gu bheil e a cur stoirmean de thairneanaich ’s de dhealanaich air daoine airson an droch ghniomharan. Tha iad a creidsinn gur h-e an droch spiorad a tha a toirt tinneis, bàis, is truaighe air daoine. Tha iad a creidsinn, cuideachd, gu bheil spioradan an aithrichean a fuireach ann an eilein air chor-eigin, agus gu bheil cead aca tighinn air ais an dràsd ’s a rithisd do ’n tir a dh’ fhàg iad. ’S e chàngala, no na “spioradan a dh’ fhalbh” an t-ainm a bha aca air na daoine a thainig an toiseach as na h-Innsibh far an robh iad, agus ’s e sin a cheart ainm a tha aca an diugh air coigrich. Tha creideamh nan Andamach cho coltach ris a chreideamh cheart agus gum feum e a bhith gur h-e ’n creideamh ceart air ’atharrachadh le aineolas a tha ann. Ach ciamar a fhuair iad e? An dàinig e a nuas na ’m measg fein bho lìnn tur Bhabeil? No, an d’ fhuair iad e far a bheil iad bho dhaoine aig an robh eolas air an Dia bheò agus fhior? Tha na Semangaich a fuireach an Tairbeart nam Maléitheach. Tha iad goirid, garbh, laidir, agus cho dubh ris an t-sùidh. Tha iad a tighinn beo le sealgaireachd. Tha na h-Aetaich a chòmhnuidh anns na h-Eileinibh Filipineach—na h-eileinean a tha na Geancaich a tabhairt an dràsd fo ’n smachd. Tha iad mu cheithir troighean is ochd òirlich air àirde. Tha iad a tighinn beo air fiadh-bheathaichean, dearcan, is friamhaichean. Tha iad cho déidheil air saorsa is a tha na Geancaich féin. Cha chumadh iad tràillein dhaibh fein is cha deanadh iad tràillean de dhaoine eile. Nuair a dh’ fhag daoine tur Bhabeil chaidh cuid diu do ’n Eipheit agus as a sin gu Rudha an Deagh Dhòchais. Chaidh buidheann eile dhiu troimh Phersia do na h-Innsibh agus o cheann deas na tìre sin gu Tairbeart nam Maléitheach is eileinean a chuain. A. M. S. DINNEIR DO NA BOCHDAN—Air la a chrùnaidh tha Righ Iomhar a’ dol a thoirt dinneir do choig ceud mile de bhochdan Lunnuinn. Cosgaidh an dinneir sin deich mile fichead punnd Sasunnach, agus ’s ann air an righ fhein a bhios e uile; cha ghabh e sgillinn á ionmhas na dùthcha, oir tha e air son a choibhneas do na bochdan a bhi dhe ’n ghnè a ruigeas a phòcaid. [TD 222] [Vol. 10. No. 29. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 219.) adh roimhe so, bu le do bhanamhaighstir, Sobaide, luchairt nan dealbhannan, agus is leamsa nis i. Chuir i ann an geall rium i mu choinneamh mo gharaidh o ’n a dh’ fhalbh thu; agus, air an aobhar sin, cha b’ urrainn dut naigheachd bu taitniche a thoirt do m’ ionnsuidh. Bheir mi dhut deadh dhuais; ach innis dhomh an toiseach gu saor, soilleir a h-uile rud a chunnaic tu.” “A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Mesrour, “an uair a rainig mi an seomar aig Abon Hasan, fhuair mi an dorus fosgailte, agus bha esan a’ caoidh Noushatal. Bha ’n corp ’na shineadh air an urlar, agus a chasan ri Meca. Bha ’n t-aodach a thug sibh do Abon Hasan air a sgaoileadh thairis air a’ chorp, agus bha Abon Hasan fhein ’na shuidh’ aig a cheann. An deigh dhomh greis a thoirt air caoidh comhladh ris, chaidh mi far an robh an corp, agus thog mi an t-aodach bhar a’ chinn. Dh’ aithnich mi Noushatal ged a bha ’h-aghaidh air at agus air atharrachadh gle mhor. Rinn mi na b’ urrainn mi a chum misneach agus comhfhurtachd a thoirt do Abon Hasan; agus an uair a bha mi ’falbh, thuirt mi ris, gu ’n rachainn gu tiodhlacadh a mhna, agus dh’ iarr mi air gun an corp a charachadh gus an tiginn. So na th’ agam ri innseadh do bhur morachd.” “Cha ’n ’eil an tuilleadh fiosrachaidh a dhith orm,” ars’ an righ ’s e deanamh gaire; “agus tha mi gle thoilichte leis cho math ’s a dh’ amhairc thu steach annns a’ chuis.” An sin thuirt e ri Sobaide: “Seadh, ma ta, a bhaintighearna, am bheil dad tuilleadh agad ri radh an aghaidh nam briathran firinneach ud? Am bheil thu gu bhith creidsinn an comhnuidh gu ’m bheil Noushatal beo, agus gu ’m bheil Abon Hasan marbh? Nach aidich thu nis gu ’n do chaill thu ’n geall?” “Cia mar sin?” arsa Sobaide, agus gun i creidsinn aon fhacal dhe na thuirt Mosrour. “Am bheil sibh a’ smaointean gu ’n gabh mise suim sam bith dhe na tha ’n seirbhiseach mimhodhail ud ag innseadh, agus gun fhios aige ciod a tha e ’g radh? Cha ’n ’eil mi aon chuid dall no as mo chiall. Chunnaic mi Noushatal le mo shuilean fhin, agus i ann an amhghair mhoir. Bha mi fhin a’ bruidhinn rithe, agus dh’ innis i domh gu ’n robh Abon Hasan marbh.” “A bhaintighearna,” fhreagair Mesrour, “tha mi ’toirt mo mhionnan air bhur beatha fhein, agus air beath’ an righ, a tha le cheile measail agam, gu ’m bheil Noushatal marbh, agus gu ’m bheil Abon Hasan beo.” “Tha thu ’g innseadh nam breug, a sheirbhisich thruaigh, thruaillidh,” arsa Sobaide, agus i ann an corruich; “cuiridh mi gu h-amhladh thu gun dail.” An uair a thuirt i so, bhuail i a da bhois ri cheile, agus ghairm i steach na mnathan coimhideachd. Thainig iad uile steach, agus thuirt i riutha: “Thigibh an so agus innsibh an fhirinn. Co thainig a steach a bhruidhinn riumsa beagan uine mu ’n d’ thainig an righ a steach?” Fhreagair iad uile a beul a cheile gu ’m b’ i Noushatal a thainig a steach. “Ciod a dh’ ordaich mise dhut a thoirt dhi?” ars’ ise, ris an te dhiubh a bhiodh a’ gleidheadh an sporrain. “A bhaintighearna,” fhreagair i, “mar a dh’ ordaich sibh dhomh, thug mi dhi sporran anns an robh ceud bonn oir, agus pios de shioda srianach, agus thug i leatha dhachaidh iad.” “Seadh a nis, a sheirbhisich thruaigh,” arsa Sobaide, agus i g’ amharc air Mesrour le corruich mhoir, “ciod a th’ agad ri radh ris a’ so? Co tha thu ’smaointean anns is coir dhomhsa chreidsinn, thu fhein, no mo bhean-ionmhais, mo mhnathan coimhideachd eile, no mi fhin?” Ged a bha fhios aig Mesrour gle mhath ciod bu choir dha a radh, dh’ fhan e ’na thosd, oir cha robh toil aige labhairt an aghaidh na banrigh, air eagal gu ’m brosnaicheadh e gu corruich ro mhor i, ged a bha e cinnteach ’na inntinn fhein gur e Noushatal a bha marbh agus nach b’ e Abon Hasan. (Ri leantuinn.) Litir o Chalum Beag. A MHIC-TALLA RUNAICH,—’N uair fhuair mi litir air a’ sgrìobhadh a’ d’ ionnsuidh aig toiseach na bliadhna so, cha robh dùil agam gu ’n cuirinn gin tuilleadh thugad gus am bithinn fein air fàs suas agus comasach air sgrìobhadh gun a bhi an eisiomail duine eile. Cha ’n ’eil fios agam am bi mi air mo chaomhnadh a dh’ ionnsuidh na h-aois sin, agus ged bhithinn cinnteach gu ’m bitheadh, tha toil agam an dara litir so fhaicinn thugad gun dàil. Rinn mi mearachd beag anns a cheud litir ’n uair thuirt mi gu ’n robh mi fhìn ’s tu fein mu ’n aon aois. ’S ann ’n uair thòisich sinn air gabhail aig àireamh bhliadhnal do thagal ’s an fhardaich se a chunnaic sinn gu ’m b’ ann’s a bhliadhna 1892 a nochdadh thusa do ’n t-saoghal an toiseach. Tha mise mar sin da bhliadhan na ’s òige na thusa, ach ged thà, cha saoil mi gu ’n dean thu tàir air caraide beag mar tha mise air son an aobhair sin. ’S ann a chum cunntas goirid a thoirt air an entertainment a bh’ againn ’s an tigh-sgoile air oidhche na bliadhn’ ùire a sgrìobh mi a cheud litir; ach o ’n tha cuid dhe do leughairean air son gu ’n innsinn beagan eile mu ’n chruinneachadh eibhinn ud, bheir mi aon sealladh eile dhoibh ’s an litir so mar a leanas. Chaidh innseadh dhuinn aig aon àm gu ’m b’ e an sealladh a bhitheadh far comhair, A scene in a barber shop. B’ amhuil a thachair, oir ’nuair sgaradh na cùirteinean o cheile, co bha ’n a sheasamh f’ar comhair, air a sgeadachadh mar bhearrdair ach Fionnladh Mac Griogair? Cha robh e fada a feitheamh ’n uair thainig Fionnladh Moireastan a’ stigh, agus feusag mhór, dhuth an crochadh ris o chluas gu cluais. Dh’ fheoraich am bearradair dheth an robh e air son a bhi air a bhearradh. ’Nuair fhreagair esan gu’n robh, ghabh am bearradair a chòmhdach cinn uaith gu modhall, ’s chur se e ’n a leth shìneadh air cathair, far na chòmhdaich se e le anart geal o amhach gu ’ghluinean. An deigh sin ghabh e d’ a fheusaig le cobhar shiabuinn gus an robh i cho liath ri Ròbhair. ’Nuair bha e deas gus an ràsair a ghlacadh, ’s ann thainig fear eile a stigh gu bhi air a bhearradh. B’ esan Rob Mac-a-Phearsain, ’s bhuin am bearradair ris gun dàil mar rinn e ri Fionnladh; ach ma’s deachaidh aige air drùdhadh gu math air fheusaig leis a chobhar-shiabuinn, ’s ann a bha sùilean Fhionnlaidh a’ dùnadh, agus a cheann a’ gnogadh gach taobh leis a chadal. Mu ’n d’ fhuair am bearradair deas gus an ràsair a ghabhail do Rob, ’s ann thàinig an treas fear a stigh, agus mar do mheall mo shùilean mi, ’s e Iain D. Mac Griogair a bha ’n sin. Bha feusag mhòr, dhuth airsan cuideachd, agus is beag nach cuireadh fad na moustache aige eagal air an dearg mheairleach. Chaidh esan a chur ’s an treas cathair ’s gabhail aige gu cùramach, ged bha’n dithis a bha roimhe gun ròineag a thoirt dhiubh fathast. Ged ghiulain Fionnladh gu foighidneach leis a bhearradair cho fad ’s a bha e mu ’n dara fear, ’n uair a chunnaic se e a cur an treas fir air doigh, theann e ri tionndadh suilean fior ghruamach an taobh a bhà iad, agus b’ fhurasd aithneachadh air a ghnùis nach b’ i ’n t-sìth a bh’ air aire. Cha robh sinn fada feitheamh a dh’ fhaicinn na criche ’n uair ghlac am bearradair an ràsair (fear fiodha) a chum an treas fear a bhearradh. Ach ma ghlac, bha na diunnlaich, Rob agus Fionnladh, air am bonnan a chum araon am bearradair agus am fear a bha e ’dol a bhearradh a dhuaiseachadh gu math ’s gu ro mhath air son an dànadais, agus an sealladh mu dheireadh a chunnaic sinne dhiubh mu’n dhùineadh na cùirteinean, bha iad car mu char am measg a cheile, air an urlar. On tha a chuid a b’ fhearr dhe na seallaidhean air an toirt seachad an aireamh an 17 la de Ianuaridh, cha sgrìobh mi ’n corr mu ’n timchioll; ach ann an criochnachadh na litir so, tha mi toileach air gu’n tugadh tu taing uamsa gu d’ dheadh charaide Mr. Domhnullach, operator Còbh na Feola, a bha, mar chaidh innseadh dhomhsa, a miannachadh am balach beag a ta mise ann fhaicinn. Innis mar an ceudna do d’ dheadh charaide C. C. gu ’n robh làn mo chridhe de phrois orm ’n uair chunnaic mi gu ’n chuir litir creutair cho neonach riumsa gluasad airsan gu aon litir mhath eile a chur a’ d’ ionnsaidh. Is mi do charaide dìleas an la chi ’s nach fhaic, CALUM BEAG. Na Bacairean. CHA ’N iarrainn gum biodh na h-Innseanaich òga a cluich nan cairtean. Cha ’n fheil leasan math air bith ri fhòghlum bhuatha. A bharrachd air a sin, tha iad cho cumanta am measg shlaightearan is dhaoine suarach de gach seorsa is gu bheil iad buailteach air daoine fìrinneach onarach a tharrainn a stigh ann an droch cuideachd. Tha moran de leabhraichean matha aig na daoine geala, ach cha ’n fheil ach leabhar gun diu anns na cairtean. Cha toirinn àite dhaibh ann am champa ach teis-meadhon an teine. Ach tha na bacairean, no ’m bord-bhan, na chluich mhath. Cuiridh e duine gu smaointinn agus mar sin geuraichidh e an ìnntinn. Nuair a bhios m’ obair latha seachad agus mi sgìth sàraichte is gle thoil leam tacan beag a thoirt air a chluich so. Cha ’n fheil moran sgìl agam air agus cha ’n iarrainn gum bitheadh. Cha bhiodh ann ach call ùine is obair fhaoin do dhuine ’ionnsachadh cho math ’s a ghabhas e ionnsachadh. Tha e gle fhurasda bòrd-cluich’ a dheanamh. Tha e ceithir-chèarnach agus tha tri-fichead ball ’s a ceithir air, an dara leth dhiu geal ’s an leth eile dearg no dubh. Tha an oisinn shingilte air an laimh chearr ’s an oisinn dhùbailte air an laimh dheis. Nuair a bhios neach ag ionnsachadh bhiodh e feumail dha àireamhan a chur air na bùill dhearga. Nuair a bhios am bord mu choinneamh anns an t-suidheachadh cheart toisicheadh e air na h-àireamhan a chur a sios aig an oisinn dhùbailte air a laimh chearr. Anns a cheud sreath cuireadh e 1, 2, 3, 4. Tilleadh e an sin air ais agus anns an ath shreath cuireadh e 5, 6, 7, 8. Cumadh e roimhe mar sin gus an ruig e bonn a bhuird, far am bi 29, 30, 31, 32 aige. Cuireadh e an nis na daoine air a bhòrd agus cluicheadh e mar so iad:—22 gu 18, 11 gu 15, 18 gu 11, 8 gu 15, 25 gu 22, 4 gu 8, 29 gu 25, 8 gu 11, 23 gu 18, 9 gu 13, 18 gu 14, 10 gu 17, 21 gu 14, 6 gu 10, 25 gu 21, 10 gu 17, 21 gu 14, 2 gu 6, 24 gu 19, 15 gu 24, 28 gu 19, 6 gu 10, 22 gu 17, 13 gu 22, 26 gu 17, 11 gu 15, 32 gu 28, 15 gu 24, 28 gu 19, 1 gu 6, 30 gu 26, 3 gu 8, 26 gu 23, 8 gu 11, 23 gu 18, 11 gu 16, 27 gu 23, 16 gu 20, 31 gu 27, 6 gu 9, 18 gu 15, 9 gu 18, 23 gu 14, 12 gu 16, 19 gu 12, 10 gu 19, 12 gu 8. Tha an nis ceithir dhaoine dubha ann is ceithir dhaoine geala. Ma ni iad gniomh air gach taobh mar is coir dhaibh tachraidh dhaibh mar a thachair do dh-Attila ’s do dh-Aetius aig blàr uamhsach Chalons ’s a bhliadhna 451—bidh iad cho math ’s cho math. PATLAS. [TD 223] [Vol. 10. No. 29. p. 7] Gur Muladach a Tha Mi. LE IAIN MAC MHURCHAIDH. Gur muladach a tha mi ’S mi ’n diugh gun aobhar ghàire; Cha b’ ionnan ’s mar a bha mi ’San ait’ a bha thall; Far am faighinn mànran, Mire, agus ceol-gàire, Is cuideachd mar a b’ àill leam Aig ailleas mo dhream. Nuair ’shuidheamaid mu bhord ann, Bhiodh botul agus stòp ann, ’S cha b’ eagal duinn le comh-strith, Ged dh’ olt’ na bhiodh ann. ’S e ’th’ againn ann san àit so Tarruinn dhorn is lamh Agus cleas nan con bhi ’sàs Anns gach aite le ’n ceann. Guidheamaid le dùrachd, A h-uile fear ’na ùirnigh, Gun digeadh sluagh na dùthcha Gu ùmhlachd gun mhaill, ’S gum biodh àgh ’s toilinntinn ’S gach aite air feadh na tire Mar chleachd bhi aig ar sinnsir ’San tim a bha ann. Cha b’ e ’m paipear bronach, A shracadh ann am phocaid, Bhiodh againn airson storais Ach or gun bhi meallt’. Bhiodh crodh is eich is feudail Ga ’n cunntadh air an reidhlein, Dhe ’m faighteadh sealladh eibhinn Air eudann nam beann. Mo shoraidh gu Sgur-Urinn, ’S an coir’ a th’ air a cùlthaobh; Gur tric a bha mi dlùth ann Air chùl agh is mhang. Ag amharc air mo ghlùinean An damh a dol ’sa bhùirich, ’S a cheil’ aige ga ’dùsgadh Air ùrlar nan allt’. Cha b’ e ’n duilleag chrionaich A chleachd e bhi ga ’bhiathadh; Ach biolair agus mìn-lach, Is sliabh gun bhi gann. ’Nuair rachadh e ga iarraidh Gun tàirneadh e troimh fhiaclan An t-uisge cho glan sioladh Ri fion as an Fhraing. Mo shoraidh leis an fhiadhach, Ge tric a bha mo mhiann ann; ’S cha mho a ni mi iasgach Air iochdar nan allt’. Ge b’ ait leam bhi ga ’iarraidh Le dubhan is le driamlaich, ’S am fear ’bu ghile bian diu Ga shiabadh mu m’ cheann. Ga tharruinn thun na bruaiche Bhiodh cuibhle ’dol mu ’n cuairt leis, Is cromag ann ga ’bualadh Mu ’n tuaims’ a bhiodh ann. ’S e ’th’ againn ann san aite so Grippin-hoe is làmhag; ’S chan fhasa leam a mhairlin ’Cur tairnich ’nam cheann. Nam faighteadh lamh-an-uachdar Air luchd nan cota ruadha, Gun deanainn seasamh cruaidh, Ged tha ’n uair s’ orm teann. Ged tha iad gar ruagadh Mar bhric a dol ’sna bruachan, Gum faigh sinn fhathast fuasgladh Bho ’n uamhas a th’ ann. Ma chreideas sibhs’ an fhìrinn Cho ceart ’s tha mi ga innse, ’S cho cinnteach ris an dìsne Gur sibhs’ ’bhios an call. Gur h-e ’ur deireadh diobradh, Air fhad ’s gan dean sibh strith ruinn, Na ’s miosa na mar dh’ inntrig, ’S gur cinnteach gur h-ann. Sud an rud a dh’ éireas, Mur dean sibh uile géilleadh, ’Nuair ’thig a chuid a ’s tréine Dhe ’n treud a tha thall; Bidh crochadh ann is reubadh, Is creach air bhur cuid spreidhe; Chan fhaighear lagh no reusan Do reubaltaich ann. Air fhad ’s gan gabh sibh fògar, Bidh ceartas aig Righ Deorsa; Cha bharail dhomh gur spòrs dhaibh An seol ’chaith sibh ann. Ach ’s culaidh-ghrath is dheisinn sibh, Fhad ’s dhe ’n cum sibh streup ris; ’S gur h-aithreach leibh na dheidh so An leum ’thug sibh ann. Mìn-lach, a reir Facalair O’Reilly, am feur a’s mìne. Thogainn Fonn air Lorg an Fheidh SEISD— Bheir mi hó air mora hó, Ithill ó air mora hé; Bheir mi hó air mora hó, Thogainn fonn air lorg an fhéidh. ’S miann le breac a bhi ’n sruth cas, ’S miann le boc bhi ’n doire dhlùth, ’S miann le eilid bhi ’m beinn àrd, ’S miann le sealgair falbh le ’chù. Cha mhiann bodaich mo mhiann fein— Cha mhiann leis éirigh ach mall; Cha lùb gruagach ’n a sgéith; Tairngidh e leis féin an t-srann. Nithean sin do ’n d’ thug mi spéis, ’S bu mhiannach leam iad bhi ’m choir: Mo ghunna glaic air deagh ghleus, Direadh ri beinn, a’s bean og. ’S nithean sin do ’n d’ thug mi fuath: Bean luath, a’s cù mall, Oighre fearainn gun bhi glic, Agus slios nach altrum clann. Bu mhiann leam ri latha fuar, Direadh suas ti aonach cas, ’N uair a thilginn mac an fhéidh, Coin air éill, ’s ga ’n leigeil as. Leam bu mhiann bhi ’siubhal bheann, Osan teann a bhi mu m’ chos; Brogan iall a’s gunna cruaidh, Eilid ruadh a’s cù m’a dos. ’S ged fhaighinn bean a’ chinn bhàin, Air mo laimh, bu bheag mo spéis; ’S mor gu ’m b’ annsa leam bean dhonn ’Bheireadh trom-ghaol dhomh le céill. Nighean Uilleim anns a’ ghleann, Bean a b’ annsa leam fo ’n ghréin; ’S na ’m biodh Uilleam ann am Blàr. Gheibhainnsa mo ghràdh dhomh féin. ’S mo cheist air bean a’ chiun duibh, ’S docha leam i ’n diugh na ’n dé; Mheud ’s a chuala mi de ’cainnt,— Gur i b’ annsa leam fo ’n ghréin! Bu chaomh leam fios fhaotainn co ’rinn an t-oran so. EARRAGHAIDHEAL. Waipu, New Zealand. Cailleach Liath Rathasai. Cailleach Liath Rathasai, Na ceudan a tathaich oirr’, Cailleach liath Rathasai—’us Cailleach reamhar Rònai. Cailleach dhubh nan Cudaigean, ’S ioma gin a shluig thu dhiu, Cailleach dhubh nan Cudaigean, Cailleach luideach Rònai! Cailleach liath Shligeachain, A’ bhéist tha mo phriobaid oirr’ Cailleach liath Shligeachain, ’S cailleach chliobach mhor i. Biodag Dhomh’uil-ic-Alasdair. Sud an rud a thogadh fonn, Féile beag ’us sporan donn, Cota goirid os a chionn Biodag Dhomh’uil ic-Alasdair. Biodag Dhomh’uil-ic-Alasdair, Biodag Dhomh’uil-ic-Alasdair, Biodag Dhomh’uil-ic-Alasdair ’Ga bhualadh ris na ballaichean. Iadsan a Phaigh. Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba. D. C. Friseal, M. P., New Glasgow, N. S. Bean D. Johnstone, Springhill, N. S. Iain I. Siosal, Pictou, N. S. Aonghas Brus, Grand View, P. E. I. An Dotair F. Mac Fhearghais, New York Domhnull Domhnullach, Gowanda, N. Y. An t-Ollamh Hennebry, Bennett, Colo. Aonghas Mac Leoid, New York. D. R. Mac Eachairn, Boston, Mass. Domhnull D. Mac Leoid, Bruno, Minn. Bean Fhearchair Bheutain, Gordon, Assa Calum Dughallach, Bhàllaidh, Assa D. Mac Cuithein, Beinn-bhaoghla, Assa Bean R. Dhomhnullaich, St. André, Assa Iain Mac Fhionghain, Rosedale. Bean Iain Mhic Mhanainn, Eel Cove. Steaphain N. MacFhionghain, Shunacadie Niall I. Mac Leoid, an Abhainn a Tuath. Dughall S. Caimbeul, Seana Bhridgeport Aonghas Domhnullach, am Bagh an Ear. A. T. Caimbeul, Dominion No. 1. A. D. Mac Thearlaich, Baddeck Mhor D. R. Domhnullach, Acarsaid Bharrachois R. Barclay, Sidni. Ailean Moireasdan, Baile-nan-Gall. Duin’ a sheasadh an gràpa ’na dhùnan. Ged is don’ an Donas, thoir a chothrom fhéin da. Ge b’e ghoideadh an t-ubh ghoideadh e ’chearc, nam faodadh e. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte le dh’ orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag’ anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. Sidni, Feb. 8, ’01. A. J. BEUTAN. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Didomhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios; agad ga bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 224] [Vol. 10. No. 29. p. 8] Oran A rinneadh le Alasdair Mac Ille-mhaoil do Dhomhnall Mac Ille-mhaoil (Domhnall Mac Iain Duinn) a bha air a mheas na ’shealgair sonraichte math ri ’linn ann an Lochabar, an Albainn, far an d’ rugadh is an d’ araicheadh e, agus anns gach àite eile de ’n Ghaidhealtachd far an robh e gle eolach na ’bhrocair gus an dainig e imrich do Ghleanna-garadh an Canada ’sa bhliadhna 1816, far an d’ rinneadh an t-oran a leanas. Ach a Dhomh’ill Mine Iain Duinn, Cas a dhireadh nam beann, A shiubhal nan allt ’s nan stron-ghlac, Leis a ghunna gun mheang, ’Chuireadh luaidhe neo-cham, ’Bheireadh fuil air damh seang a chrònain; Ged a bhiodh e na ’dheann Air an leachdainn ’sa ghleann, Bhiodh do theachdaire teann an tòir air, ’S e an dùil nach robh ann Gin a bhuidhneadh air geall, Rachadh stad air gun taing d’ a dhòchas. Gum bu lionar fear-cràic ’Chuir thu laighe gu làr ’S nach dug ionnsaidh gu bràth air eiridh, Eadar criochan Chinntàil, Gleann-a-cuaich ’s a Chaim-bhàn, ’S an cuid aighean fo phràmh mu ’n deighinn; Bhiodh tu tealaidh le d’ smàig Is do bheul ris an làr Gus am faigheadh tu ’n àite feuma, ’S nuair a thogadh tu ’n làmh Is a thàirngeadh tu ’n stràc ’S mi bhiodh cinnteach a bàs mhic eilde. Nuair a rachadh tu suas Do dhlùth choille nam bruach ’S tric a chuir thu ’m boc ruadh bho ’n leumnaich; ’S e na ’dhuibh-ruith ’s na ruaig ’Dol ri cnocain mu ’n cuairt, Dàradh tomain a bhuair bho chéil’ e, Bhiodh tu fein ann an cluain ’Cumail beachd air a chluais, Gunna snaipte nam buadh ga ’gleusadh; ’S nuair a shaoil leis dol suas Le bean-chomuinn a luaidh ’S ann a bheireadh tu nuas le cheil iad. Bu tu sealgair a gheoidh Is na h-eal’ air an lòn ’S lach ’chinn uain’ ann an òban reidhlein, Eadar Lochan na sguad Is Bun chingidh nam bruach Far am minig a fhuair thu treud diu; Eadar Eilein-an-fhéidh Garbh choill a bhuic léith Far ’m bu lughor do cheum ga ’m buannachd; Nuair a ghabhadh tu stéidh ’M Bad-an-t-Seabhaig fo ’n ghréin Bhiodh na mnathan lan féisd le d’ chnuasachd. Bu tu marbhaich bhric bhàin, ’Bu chlis saighdeadh air àth, Struth-na-tuinne, no ’n tàmh nan reidh-uisg; Crann de ghiubhsaich nam blar Air dheagh shnaidheadh na d’ laimh, ’S morghath cumhang ri ’bhàrr bu ghéire, Co-dhiu bheireadh e stràc Ris an amhainn no mhàn Bhiodh do shaighead an aird a chléibhe; ’S tu bu chinntiche làmh Theid mi ’n urras na càch, ’S co e ’s urrainn a ràdh gur bréug e? Namhaid beist ann an carn, Cha do dh’ fhiosraich mi ’n àl Na thug barrachd ’sa chàs ud fein ort; Bhiodh do ghillean gle thrath Le an lothainn na ’n laimh Anns a mhadainn mun tàrainn eirigh; ’S iomadh sionnach le ’n àl Chuir thu dhith anns gach àit, Ni nach urrainn mi radh no leirsinn; ’S ged robh peann ann am laimh, ’S gann gun sgriobhainn gu brath Trian dhe ’n chuir thu gu bàs de cheudan. Bha seors eil’ ann air snamh’ ’S bha thu ’n tòir orra ghnath, Dobhrain-donna ’s bu nàmhaid éisg iad, ’S bu tric bian nan seachd càrt Aig mo Dhomhnall na ’laimh ’S cach na ’n cadal air sgàth nan éibhlean; Le chuid abhag ’s iad dàn, Rachadh nimheil an sàs, Nach gabhadh cunnart an càs no ’n eiginn; Chinneadh fuil leat gach là Am beinn an abhainn no ’n àrd, Dh’ aindeoin buidseachd no plàigh no gèidseachd. Bu lionar udlaiche mor Dh’ fhag thu, Dhomhnaill, gun deo Eadar Glas-leitir ’s morthir gheugaich. Bha thu eolach gu leoir An Gleann-eilge Mhic Leoid, ’S an Gleann-seile nam mor-fhear treubhach. Clann Mhic-Rath leat na seoid Bu neo-sgrubail mu ’n bhord, ’Dhioladh buideal ’s nach soradh eirig; Luchd do chomuinn gu pòit An am suidhe ’s taigh-òsd, ’S bhiodh luchd fidhle toirt ceoil a teudan. Bha thu measail gu dearbh, ’S fhuair thu ’n t-urram gu sealg Thar na h-urad is dhearbh thu fein e; Liughad coire slios garbh Beann is bealach is learg Rinn thu shiubhal mun d’ fhalbh do spéirid; Adharc ’s crios ort gun chearb Fuise fhada bheoil mheanbh Chuireadh guineach fo chalg an creubhaig; ’S cha teid diochuimhn air t-ainm Ann an iar-aird na h-Alb’ Fhad ’sa mhaireas fir fhalbhas sleibh ann. Nis bho ’n thainig thu nall Air long bhallach nan crann Do Chanada nam Frangach threuna, ’S mor do mhulad ’s cha ghann, ’Smaointinn àbhachd nam beann ’S air na fhuair thu ’n gach àm gan reidhlein; Ach tha thu nis air fas mall, Tuisleach, lapanach, fann; Ruith cha dean thu le sannt ’s cha leum thu. Chunna mis’ thu ’s tu thall, Ullamh ealamh gun taing, ’S grad a dhireadh thu sreang Bheinn-eideann. Chaochail t’ iomhaigh ’s do bhlàth, Chrom do phearsa gu làr, Dh’ fhag do spiorad, do chàil, ’s do gheir thu; Tha ’n t-sùil molach air fàs, Chuireadh fradharc gun sgàth Fada ’s goirid bho laimh mar dh’ fheumadh, Ach ’s i mo chomhairl’ an dràsd Dhuit bhi cuimhneachadh tràth Air an t-slighe tha ’n dàn gu leir dhuinn; Tha thu faicinn gach là Crioch a tighinn air càch, ’S nach teid duine gu bràth bho ’n eug as. Tha Biodag air Mac Thomais. Tha biodag air Mac Thomais, O, e, o hon, Tha biodag air Mac Thomais, Gur math gu ’m foghnadh sgian dha. Tha biodag anns a’ ghliogarsaich, Air mac a’ bhodaich leibidich, ’Nam faiceadh e mar thigeadh i, Gur math gu ’m foghnadh sgian dha. Tha biodag air Mac Thomais, Tha biodag air Mac Thomais, Tha biodag air Mac Thomais, Gur math gu’m foghnadh sgian dha. Tha biodag air a’ ghliogarsaich Os cionn bann na briogaise; Na ’m faiceadh e mar thigeadh i, Gur math gu ’m foghnadh sgian dha. Tha bucaile ’na bhrogan, Tha bucaile ’na bhrogan, Tha bucaile ’na bhrogan, Our math gu ’m foghnadh sgian dha. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair. D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, R. R. McIan. (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean aon leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 225] [Vol. 10. No. 30. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 9, 1902. No. 30. Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. IV. MAR A FHUAIR NA SASUNNAICH DEARBHADH AIR CUMHACHDAN NAN CAILLEACHA GLASA GAIDHEALACH. FOSGAIL, ann an ainm an rìgh! Chaidh an t-òrdugh so, le iomadh buille chruaidh air an dorus, a thoirt seachad a rithist agus a rithist. Thuig an fheadhainn a bha ’stigh glé mhath co bha ’muigh, air an cànain, a bha tighinn uca troimh ’n chòmhlaidh, le mionnan garbh an cois gach facail. Thuig iad gur buidheann de na saighdearan dearga ’bh’ ann, air tòir fhògarach, is spuillaidh is creachaidh, an àite sam bith a bhiodh car iomallach, ’s far nach biodh neart ri chunntais. Bha deagh iuchair aca a ghabhadh an leisgeul ’s a dh’ fhosgladh gach diomhaireachd naomh dhaibh gun tioma gun taise ’chur air an cridheachan cruaidhe—b’e sin, ainm an rìgh. Thug Iain Mór agus Eachunn an aghaidhean air an dorus dhiomhair, oir thuig iad gu ’n robh bhuidheann car làidir air son dithis, gu h-àraidh o ’n bha chailleach bheag a stigh; ach cha ghluaiseadh i sin o ’gealbhan fhein, ’s cha ghabhadh i dion air an iarratas mar riutha,—cha ghabhadh, cha ghabhadh. “Dé ghràidh,” ars’ ise, “ni iad ormsa? seann chreutair truagh, le leth-chois ’san uaigh mar tha mise, nach d’ rinn eucoir air duine riamh, ’s nach dean!—’s gun fhios, a rùin, nach digeadh Murchadh ’s gun mise roimhe, gun teine, gun tuar, agus o làn acrais agus pathaidh.” “Ceart gu leor, a mhàthair,” ars’ Iain Mór; “ach cha ruig sibh a leas a dhol an urras air na saighdearan Sasunnach, ged a bhiodh sibh cho neochiontach ri aingeal. Ach cha teid sinne fada, is cumaidh sinn sùil air na seòid.” Chaidh so uile radh an cagar, is leis na facail mu dheireadh chaidh an dithis á sealladh ’s a bhalla, is dhùin an dorus diomhair na ’n deigh mar bha e roimhe. Mu ’n gann a bha iad fo dhion, chaidh an dorus a bhristeadh, ’s an ùine ghearr bha ’m bothan air a lionadh le naimhdean guineach, is coltas a chaothaich na ’n gnùisean duaichnidh. “C’arson, a sheana bhuidseach, a sheana bhan-reubalach, nach do dh’ fhosgail thu ’n dorus mar a dh’ ordaicheadh dhut, ann an ainm an rìgh?” arsa ceannard na buidhne. Bha ’bhantrach bheag na suidhe ’s a cùl riutha, le ’laimh fo ’leth-cheann aig an teine, ’n uair a chaidh an fhàilte gharbh so a chur oirre. Cha do thionndaidh i, is cha mho leig i oirre gun cual’ i e, ged a bha i ga ’thuigsinn gle mhath, oir bha i eòlach gu leòr air cainnt nan Gall. “Tha ’n t-seana bhuidseach bodhar,” ars’ an t-oifigeach, ’s e tarruinn dlùth rithe. Chàirich e ’bhilibh mora dubha ri ’cluais, agus ghlaodh e, “A bheil thu bodhar, a chailleach ghlas?” Cha do ghluais a’ bhantrach ’s cha do sguir i dheth ’turaman. “Cha ’n ’eil i dad dhe ’n t-seorsa,” arsa saighdear mor fiarshùileach a thainig air adhart. “Tha mise cho cinnteach ’sa tha mi beò gun cuala mi i ’còmhradh ri reubalach air choireigin ’s mi aig an uinneig mu ’n d’ fhuair sinn a stigh. Tha cuideigin am falach aig an t-seana bhuidsich. Ma dh’ fhaodte gur e Tearlach fhéin a th’ ann.” “Ma tha i bodhar,” ars’ an t-oifigeach, “fosglaidh mise na cluasan aice gu math leis a bhiodaig mu ’n dealaich sinn, mur a dean i faosaid ghlan rium. Ach tha ’n t-acras orm, is chi sinn an toiseach dé th’ aig a’ bhuidsich a ghabhas ithe.” “Cha ’n ithinn greim air na chuir i na spuirean chnàmhach làmhan ud aice air na chunnaic mi riamh!” ars’ am fear mhor gisreagach a labhair roimhe. “Chuala mise mìle uair, agus tha mi ga làn chreidsinn, gu bheil cumhachdan an uilc fhein aig cailleachan glasa nam beann. Ach tha da ghobhar aice ’muigh, ’s mur do chaill mo lamhsa ’gleustachd cha bhi mi fada ga ’n cur gu feum.” ’S e so a rinn na fir dhearga. Fhuair agus mharbh iad da ghobhar na bantraich bhochd, agus chaidh na fir gu ròiceil gu deasachadh ’s gu ithe. Fhad ’sa bha iad ris a so rinn iad cruach air an cuid annaibh ri taobh an doruis dhiomhair, nach robh ri fhaicinn no ri aithneachadh seach pios eile dhe ’n bhalla. Bha Iain Mór nan Ord agus a chompanach a’ cluinntinn gach guth agus a’ tuigsinn gach car a bha iad a cur dhiubh. An uair a thuig Iain gu ’n robh aire nan saighdearan air roinn nan gobhar ’s air an cur á sealladh, chuir e ’shùil gheur ri toll, agus air ball chunnaic e na h-airm. Gu fàillidh, sàmhach, thòisich a chròg mhor gu trang air tarruinn gach ball, a lion fear is fear, a stigh do ’n uamh, agus ga ’n sìneadh do dh’ Eachunn, a bha ga ’n tarruinn am mach do ’n tom sheillich aig beul an tuill. Mar an ceudna fhuair lamh Iain, air dha sgriob a thoirt mu ’n cuairt, ceann agus seice té de na gobhair, agus sgioblaich e stigh iad mar ris a chòrr. O’n a bha iad sgìth, agus a nis buidheach, cha robh cabhag sam bith air na saighdearan gu tòiseachadh ri rannsachadh, agus mar sin ’s ann a thòisich am fear gisreagach ri aithris iomadh sgeul beag a chual’ e mu bhuidseachas, is cumhachd, agus na riochdan anns an robh e comasach do na cailleacha Gàidhealach a dhol nuair a b’ àill leotha. Leis cho dlùth ’s a bha càch ga ’eisdeachd, agus an greim a ghabh na naigheachdan mi-thalmhaidh so air inntinnean a luchd-éisdeachd, agus leis an droch sholus, cha dug na fir an aire gu ’n robh a chailleach bheag a tarruinn dlùth, beag air bheag, ris an dorus dhiomhair, gus mu dheireadh, le cuideachadh nam fear a bha stigh, an deach i á sealladh buileach glan gun fhios do na saighdearan. “Chuala mise le cinnt,” ars’ am fear a bha ag innseadh na sgeul, “gun teid aig na seana bhuidsichean glasa so air a dhol ann an riochd creutair sam bith, agus gun teid ac’ air a dhol á sealladh mar an ceudna.” Mu ’n do thàrr e na briathran a radh thuit caoran cruaidh dubh a meadhain an teine, a cur boillsgeadh air feadh a bhothain agus dreòs dhearg gu ’mhullach. “Am fear mor g’ am spadadh!” arsa saighdear, ’sa ghruag aige ’g éiridh, “mar d’ fhalbh a chailleach na sradagan teine!” Chaidh iad uile air chrith ’s iad ag amharc mu ’n cuairt le ’m beòil fosgailte, feuch am faiceadh iad a’ chailleach a tilleadh ann an riochd sam bith. Chunnaic iad an sin le uamhas am balla ’fosgladh, agus ceann fuilteach glas gaibhre, le ’beul fosgailte, a nochdadh am mach. Leum gach fear air a chois le oillt, is thug e tàrradh air a ghunna, ach cha robh ball air faighinn. Thug a chailleach leatha na h-airm. Air do ’n taibhse aognaidh srann uamhasach a tharruinn, chaith gaisgich rìgh Deòrsa bhuatha gach cleòc is eile thigeadh iad as aonais, ’s a mach a ghabh iad, bronnaich thar tharraich, a’ pronnadh ’s a spuaiceadh a chéile mu ’n d’ fhuair iad am mach air an dorus chumhann. Leum Iain Mór (oir b’ e ’ghobhar) agus a chompanach òg am mach na ’n deigh, agus le iomadh buille chruaidh agus iomadh glaodh mi-thalmhaidh bhual iad air na Sasunnaich. Bha iad sin a smaointean gu ’n robh gach buidseach agus sìtheach a dh’ àraich a’ Ghàidhealtachd riamh ma sgaoil an oidhch’ ud, ’san àm uamhalta dhorcha sin romh bhristeadh na faire, a bh’ air a chur air leth riamh airson cleasachd dhe ’n t-seors’ ud. Am beagan de ’n naimhdean a thàrr as, chunnaic na Gàidheil iad gu sàbhailte ann am bogaich dhuibh gu ’n sùilean, far nach deanadh iad moran uilc, mu ’n do thill iad gu bothan na bantraich. Bha Iain Mór an impis sracadh le subhachas, a smaointean air an eagal a ghabh na fir dhearga. “Tha mi ’m barail,” ars’ esan, “gu ’m bi naigheachd aca sid—ma gheibh aon aca dhachaidh beò—air cumhachd cailleacha glasa nam beann a chluinneas na h-oghaichean, agus a dh’ fhuadaich gach teagamh a bh’ aig gach Tòmas na’m measg gu bràth.” An deigh fois a ghabhail tacan rinn iad deiseil cho luath ’sa ghlas an latha gu falbh, air eagal ’s gun digeadh buidheann lionmhor shaighdearan ré an latha air nach gabhadh an cleas ceudna deanamh. Ach cha ghluaiseadh a chailleach, ged a thairg Iain Mór gun giùlaineadh e i cuid de ’n astar bu ghairbhe. Ach ’s fhad o chuala sinn mu chur a bhodaich as a thaigh. Bha ’bhantrach bhochd na bothan gaoil fhein, agus a feitheamh an aona mhic a dh’ fhosgail a shùil air an t-saoghal an tùs fo na cabair dhiblidh, agus a nis, mo thruaighe, nach bruthadh a h-ùrlar gu bràth tuilleadh. Dh’ fhàg na companaich gach sgillinn a bh’ aca aig a’ chaillich, agus le taghadh nan arm, a thug iad o na Sasunnaich, an deigh iad fhein a chur as aithne cho math ’s a dh’ fhaodadh iad, thug iad an aghaidhean air a mhonadh. Bha ’ghrian a nis a dearrsadh ’s ag òradh na sléibhtean—an uiseag ’s an smeòrach a seinn gu trileanta, binn—am feur maoth, gorm, ’s fàileadh cùbhraidh an fhraoich ’s a fhroinnich air gach taobh, air chor ’san éideadh so, an uair a bha nàdar na trusgan féille, gun robh ’n saoghal ag amharc na àite taitneach airson a bhi beò air uachdar an gradh ’s an sìth. Bha àr an latha ’n dé agus aghaidh bhuaireasach nan speur os cionn a chasgraidh fhuiltich a tighinn ’san àm eadar sùilean nan companach agus an sealladh bòidheach a bha ga ’n cuartachadh, air chor ’s nach robh iad a gabhail tlachd ann. Dlùth air an fheasgar rainig iad bonn beinn bheag chas, agus o’n a bha iad car sgìth shuidh iad a leigeil an analach, agus a dh’ ithe greim a neartaicheadh iad de chàise na caillich. Cha robh iad fad an so nuair a chual’ iad fuaim agus monabur air an [TD 226] [Vol. 10. No. 30. p. 2] taobh eile dhe ’n bheinn. Leum iad suas gu cabhagach, agus thòisich iad ri dìreadh gu mullach na beinne. Rainig iad ’s an cridhe na ’m beul leis a chabhaig, agus sheas iad air chùl creige feuch am faiceadh iad co bha deanamh na h-ùpraid. Ach fad ùine cha bu léir dhaibh ni, leis a ghrian a bhi na ’n sùilean. Ach fad na h-ùine bha iad a cluinntinn farum chas agus bruidhne, ’s an ùine ghearr chunnaic iad a nochdadh am mach á beallach cumhann grunnan cruidh, agus mu fhichead trupair Deòrsach na ’n deigh, a’ gaireachdaich ’sa fanaid air cuideiginn aig an robh gaoir thruagh na ’n deigh. Ghluais Iain Mór ’s a chompanach sios gu fàillidh ri sgath nan creag air son faighinn ua bu dluithe dhaibh, gus mu dheireadh an d’ fhuair iad àite math falaich air am feumadh a bhuidheann a dhol seachad fodhpa. Thuig iad a nis bun is bàrr a ghnothuich. Chunnaic iad mart beag ciar a bristeadh air falbh o chàch a rithist agus a rithist, agus a geumnaich gu cianail ag iarraidh tilleadh. Bha ’fuil a sruthadh gu làr na allt o bhuillean cruaidhe nam brùidean a bha ga ’toirt air falbh. Chunnaic iad an sin leth sheana bhoirionnach a nochdadh am mach as a bhealach ’s i caoidh gu cruaidh, agus a suathadh nan dòrn, agus an drasda ’s a rithist ag éibheach air a mhart, “Ciarag! Ciarag! Ciarag bhochd! Ciarag bhochd!” a bha toirt air a mhart bhochd feuchainn ri tilleadh le h-uile dhichioll. Ghuidheadh i an sin gu dùrachdach air na saighdearan a h-aona mhart fhàgail air son na pàisdean a chumail beò, ach b’ e gàire fanaid an fhreagairt a gheibheadh i o na fearaibh. Thug iad an aire do chnapach nighinn bhig mhi-thuarail leith-rùisgte gu piantail ga ’leantuinn, ach cha robh a sealladh a toirt tioma air cridheachan nan trupairean. Mu dheireadh fhuair am boirionnach eadar a bhó ’s a naimhdean, is bha i gu cabhagach ga ’toirt leatha, an uair a ruith saighdear mor brùideil uice leis an each chruidheach, an rùn a pronnadh, agus air d’i leum a thaobh gus a sheachnadh, rug e air fhalt oirre, is le iomadh mionnan thug e ionnsuidh air a togail mar sin air muin an eich, ach anns a’ mhionaid sin, mu ’n deach leis, thàinig peileir a chuir esan gun chrith gu làr! Chlisg na Sasunnaich. Sheall iad le uamhas a null ’s a nall, agus an sin os an cionn le geilt, far am fac’ iad an gathan na gréine, a bha nis a dol fodha, an duine bu mhotha chunnaic sùil duine riamh na sheasamh air mullach creige, ’s e gluasad ann an dòigh mhi-nàdarra. Ann an tiotadh bha naoidh mosgaidean deug ri gach liugha gualla, a deanamh cuimse air a bhroilleach mhor leathann aig an duine. (Ri leantuinn). Turus Ruairidh do ’n Exhibition. FACAL AIR AN FHACAL MAR A CHUALAS UAITHE FHEIN. III. ANNS a’ cheart àm bha ’m bata dluth air a chidhe ann an Grianaig. Thainig mo charaid, Seumas Mac-an-Toisich, agus an tuathanach coir a dh’ ainmich mi mar tha, far an robh mi, agus thuirt iad rium gu ’m feumainn a dhol gu tir comhladh riutha gus an deise ’bha iad a’ dol a cheannach dhomh a chur umam. “Ma ta, ’dhaoine coire,” arsa mise, “thigeadh e dhomhsa ’bhith anabarrach fada ’n ’ur comain, agus tha mi ann an sin; ach cha deachaidh ball aodaich riamh fhathast mu m’ dhruim ach aodach a rinneadh air cloimh mo chuid caorach fhin, no, a cheannaich ’s a choisinn mi fhin agus mo theaghlach, agus chan ’eil mi ’smaointean gu ’n teid. Cha robh mi latha riamh o ’n a chaidh mi ann an ceann togail teaghlaich cho math air mo dhoigh ’s a tha mi ’n diugh. Ach bha mi ’smaointean, gun teagamh sam bith, gu ’n iarrainn oirbhse le cheile a dhol comhladh rium do bhuth taillear agus a dhol an urras orm air son deise gus an ruig mi suas Glasacho, agus paighidh Domhull an deise cho luath ’s a ruigeas a’ chunntais e.” Thuirt na fir a beul a cheile gu ’n robh so ceart gu leor. Cha robh ’n corr m’ a dheidhinn. Cho luath ’s a rainig am bata ’n cidhe, chaidh sinn gu tir, agus ma chaidh, cha robh sinn fichead slat suas o ’n chidhe an uair a bha cho math ri ceud pearsa ’n ar cuideachd, agus uiread a dh’ ioghnadh aca dhiomsa ’s ged bu mi Iompaire na Tuirce. Mu dheireadh rainig sinn buth mhor, agus thugadh mise steach do sheomar-cuil far an do chuir mi dhiom na bha salach dhe m’ aodach. Agus an uair a nigh ’s a ghlan mi na bha salach dhiom, fhuaradh deise dhomh o lar gu mullach a bha freagarrach gu leor dhomh, agus a bha pailt cho math ris an deise ’bh’ orm roimhe. Thill mi air ais do ’n bhata; oir chuir mi romham gu ’m faicinn sealladh de Chaisteal Dhunbreatunn anns an dol seachad. Bha moran de ghrid an t-saighdear annam gu nadarra; agus tha mi ’g innseadh dhut le fìrinn, a charaid, gu ’m bithinn cho toileach air a dhol gu ruig’ Africa a chogadh ris na Bodharaich ’s a bha mi air a dhol a chadal an oidhche bu sgithe ’bha mi riamh. An àm a bhith ’seoladh suas amhainn Chluaidh, bha iomadh sealladh taitneach ri ’fhaicinn. Mu dheireadh rainig am bata cidhe Ghlasacho, agus bha Domhull, mar a gheall e, ’g am fheitheamh. Dh’ aithnich e anns a’ mhionaid nach b’ i an deise ’chuir e fhein g’ am ionnsuidh a bh’ umam; agus an uair a dh’ fheoraich e dhiom ciod a thachair do ’n deise ’chuir e dhachaidh gu m’ ionnsuidh, thuirt mi ris gu ’n innsinn sid dha an uair a bhiodh am barrachd uin’ agam. Agus rinn mi sid. An uair a rainig sinn an taigh anns an robh Domhull a’ fuireach—agus b’ e sid an taigh mor, briagha gu dearbh: cha ’n ’eil fhios ciod e am fad no ’n airde ’bh’ ann—bha biadh gu leor deas air ar coinneamh, agus gu cinnteach ghabh mi na thainig rium dheth cho sunndach ’sa rinn mi riamh. Bha fhios aig Domhull gu ’n robh mi trom air a’ phiob, agus an uair a chuala bean an taighe, am boirionnach coir, gu ’n robh so mar so, thug i cead dhomh mo dhiol smocaidh a dheanamh anns an t-seomar. An uair a thainig àm a dhol a laidhe, chuireadh mi do sheomar cho grinn ’s cho glan ’s a chunnaic mi riamh. O ’n a bha mi air dhroch cadal an da oidhche roimhe sid, chaidil mi cho trom ris a’ chloich gus an robh e ochd uairean ’s a’ mhadainn. An uair a ghabh sinn ar biadh, thog sinn oirnn, agus dh’ fhalbh sinn do ’n ‘Exhibition.’ Ged a bha iomadh dorus air an aitreimh mhoir ud, thuirt Domhull gu ’m b’ fhearr dhuinn a dhol a steach air an dorus mhor. Agus bha mi fhin gle thoileach so a dheanamh, gu h-araidh o ’n a chuala mi gu ’n robh iomhaidh an righ anns an talla ’bha faisg’ air an dorus. Cha robh fhios agam ciod a theirinn an uair a chaidh mi steach. Stad an da shuil shuas agam an uair a sheall mi mu’n cuairt orm. Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu ’m b’ urrainn togalaichean bu bhriagha na sid a bhith air talamh nam beo. Cha ’n ’eil mi idir a’ tuigsinn cia mar a b’ urrainn do mhac peacaich a leithid a dheanamh. “Sin agad iomhaidh an righ, ’athair,” arsa Domhull, ’s e ’comharrachadh am mach iomhaidh a bha ’cheart cho ard ri crann soithich. “Cha ’n urrainn gu ’m bheil an righ cho mor so,” arsa mise; “cha chreid mise gu ’n robh Samson no Goliath, ged a b’ ainmeil na daoin’ iad, cho mor so. Chunnaic mise dealbh an righ, agus cha robh mi ’smaointean gu ’n robh e na bu mho na daoin’ eile.” “Cha ’n ’eil an righ cho mor ris an iomhaidh so idir; ach chunnacas iomchuidh an iomhaidh a dheanamh mor a chum gu ’n tairneadh i aire dhaoine na b’ fhearr,” arsa Domhull. Ghabh sinn a steach air dorus eile, agus chaidh sinn sios ceumannan staidhreach, agus thuirt Domhull gu ’m b’ fhearr dhuinn sealladh fhaotainn air na togalaichean an toiseach mu ’n rachamaid a steach a dh’ fhaicinn nan ioghnaidhean a bha ’nam broinn. Thuirt mi ris nach robh agamsa ach a bhith ’g a leantail fhein ge b’ e taobh a rachadh e. Tha mise ’g radh riut gu ’m b’ fhiach do dhuine a dhol air astar mor a dh’ fhaicinn nan togalaichean fhein, gun ghuth a thoirt air na h-ioghnaidhean a bha ri ’m faicinn annta. Bha h-uile ceum dhe na rathaidean cho grinn ’s cho glan ’s ged nach seasadh duine riamh orra. Bha iad comhdaichte le moroghan briagha, min, geal. Bha na togalaichean gle neo-choltach ri ’cheile, araon ann am meudachd, agus ann an cumadh. Agus bha ’n aireamh bu mho dhiubh air an dèanamh de dh’ fhiodh, agus bha iad air am dathadh anabarrach briagha leis a h-uile dath a th’ anns a’ bhodha-fhrois, agus le iomadh dath nach ’eil idir ann. Chaidh sinn ceum math air ar n-aghart, gus mu dheireadh, an uair a chaidh sinn tarsuinn air drochaid no dha, an d’ rainig sinn rud ris an canadh iad ‘water-shute.’ Chuir an obair a bh’ aca ann an so oillt orm. Bha aite cas air a dheanamh—gun fhacal breige, bha e cheart cho cas ri cliathach taighe—agus bha iad a’ tarruinn bhàtaichean beaga suas air dhoigh eiginn gu mullach an aite so. Bha na daoine ’direadh suas mar an ceudna, agus an uair a shuidheadh iad anns na bataichean, bha na bataichean air an leigeadh sios air an toil fhein do ’n amhainn, agus an uair a bha iad a’ bualadh anns an uisge cha mhor nach robh iad a’ dol as mo shealladh fo ’n uisge. Agus, rud iongantach, cha robh boinne dhe ’n uisge ’bualadh air duine dhe na bh’ anns na bàtaichean. Bha Domhull air son mise ’thoirt do ’n aite chunnartach ud; ach cha rachainn ann dha ged a bheireadh e dhomh baile Glasacho as a ghrunnd. Bha aite cunnartach eile gle fhaisg’ air an ait’ ud, ris an canadh iad ‘switchback railway.’ Cha do stad Domhull, agus an companach grinn, coir a bha comhladh ris, dhe mo choiteach gus an d’ thug iad orm a dhol ann. Cha robh e cho mi-nadarra ris an ait’ uamhasach air an d’ thug mi iomradh mar tha. A dh’ aon chuid, bha fhios agam nach rachadh mo bhathadh. Agus a bharrachd air a sin, thug mi ’n aire gu ’n robh callaid air gach taobh dhe ’n rathad a chumadh daoine gun dol leis a’ bhruthach ged a thuiteadh iad dheth. Coma co dhiubh, chaidh mi steach do ’n charabad chaol, chorrach ud, agus an uair a thug am fear a bha ’na sheasamh aig a cheann upag dha, thug e cruinn leum as, agus dh’ fhalbh e. Tha mi ’g radh riut gu ’n robh mi ’n duil gu ’n robh mi leitheach rathaid a dh’ ionnsuidh an t-saoghail thall. Bha e ’cheart cho luath a’ direach bruthaich ’s a bha e ’tearnadh bruthaich. Bha mi ’nam shuidhe eadar Domhull agus an gille coir eile a bha comhladh ruinn, agus rinn mi greim bais orra. Tha iad fhein ag radh, ma dh’ [TD 227] [Vol. 10. No. 30. p. 3] fhaodar geill a thoirt do na their iad, gu ’n robh mi ’g urnuigh aird mo chlaiginn. Cha ’n urrainn dhomhsa ’radh nach fhaodadh gu ’n d’ iarr mi gleidheadh an Uile-chumhachdaich; agus is mise dh’ fheumadh e aig an àm ud. Gun dail sam bith choisich sinn air ar n aghart gus an d’ rainig sinn togail mhor, bhriagha a bha air an taobh eile dhe ’n amhainn. “Theid sinn a steach an so, a Ruairidh,” arsa companach Dhomhuill, “agus gheibh sinn deur beag de mhac na braiche. Cha mhisde sinn taobh air thaobh beagan eolais a chur air an deigh na chunnaic, na chuala, agus na dh’ fhairich sinn.” “Tha mi gle dheonach,” arsa mise. “Tha mi ’g am fhaireachadh fhin gle lag an deigh an eagail a ghabh mi.” Chaidh sinn a steach, agus bha aireamh mhath a staigh romhainn. Shuidh sinn ann an aite air leith leinn fhin, agus mu ’n do tharr sinn suidhe thainig fear caol, ard, dubh far an robh sinn agus dh’ fheoraich e ciod a bha dhith oirnn. Dh’ innis Domhull dha. Bha deise bhriagha dhubh air, agus bha stoc beag, caol, geal mu ’amhaich, agus bha brollach geal air sios gu beul na duilleig. Is e cota biorach a bh’ air cuideachd. “Is e coltas ministear a th’ air an duin’ ud,” arsa mise. “Is e sin a th’ ann cuideachd,” arsa Domhull ’s e ’caogadh. “Co ris a tha thu ’caogadh a laochain,” arsa mise, agus mi ’n deigh amhrus a ghabhail gur ann a’ magadh orm a bha e. “Tha mi ’caogadh ris an nighinn bhoidhich, ghlain ud an taobh thall dhe ’n bhord,” ars’ esan. “Ma ta, ma ghabhas tu mo chomhairle-sa sguiridh tu dhe ’n obair sin. Air do shon fhein, agus air son na h-ighinn—agus gu firinneach, ceart, bha i cho boidheach ’s cho sgiobalta ri te chunnaic mi riamh—na bi ri magaireachd sam bith; oir, mar a tha ’m facal ag radh: “Is minic a thainig fior a fanaid.” Bha mi ’n duil tuilleadh chomhairlean a thoirt air na gillean, ach thainig am fear caol, dubh ugainn le pailteas dhe gach biadh is deoch a b’ fhearr na cheile, agus chaidh stad air a’ chomhairleachadh aig an àm. Cha robh cabhag sam bith oirnn gu eirigh o ’n bhord. Bha mise car sgith, agus bha na gillean coma ged chuireadh iad seachad greis dhe ’n uine far an robh iad. Chaidh sinn an sin a dh’ amharc nan ioghnaidhean; agus a mhic chridhe, b’ e na h-ioghnaidhean iad! Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu ’n robh uiread de rudan iongantach ri ’m faicinn riamh roimhe cruinn, cothrom, comhladh air aon lathrach. Ged a bhithinn-sa cho foghluimte agus cho geur-chuiseach ri mac mathar a sheas riamh ann am broig leathair, cha b’ urrainn domh trian dhe na chunaic mi innseadh dhut, ged a bhithinnn a’ bruidhinn gu cionn mhios. Chaidh mo cheann na bhoil leis na bha mi faicinn de rudan iongantach. Ach sheas mi greis mhath ag amharc air na bha de bheairtean-innleachd (machinery) ann. Chuir an t-inneal clo-bhualaidh iongantas anabarrach mor orm. Tha mise ’g radh ruit gur e ’bh’ ann gnothach ro mhiorbhuileach. Sheas mi greis mar an ceudna far an robh iad a’ deanamh nan rudan-milis, agus far an robh iad ag obair air deanamh nan ‘cigarettes,’ seorsa tombaca cho beag tail agus brigh ’s a chunnaic duine riamh. Bu cheart cho math leam a bhith ’smocadh a’ mhuill ri bhith ’ga smocadh. Ach feumaidh mi radh nach fhaca mi dad bu mho a thug de thoileachadh dhomh na na rudan iongantach agus feumail a thainig a Canada, a Australia, agus a New Zealand. Bha ’n t-or a tha iad a’ faotainn ann an Clondyke ’na chnapan ann an sid mar a chladhaicheadh as an talamh e. Bha moran de bheairtean-fighe dhe gach seors’ ann, agus thug mi greis mhath air an amharc. Ged a bha mi ’fas sgith le bhith cho fad’ air mo chasan, thuirt Domhull gu ’m b’ fhearr dhuinn a dhol a dh’ amharc nan dealbhannan, agus ’na dheigh sin, gu ’n rachamaid dhachaidh. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. XVI. FHAD ’s a bha ’n connsachadh so a’ dol air aghart eadar Sobaide agus Mesrour, bha ’n righ, air dha fios a bhith aige air mar a tha cuisean air an da thaobh agus air dha bhith dearbhte ’na inntinn fhein, o na chual’ e o Abon Hasan agus o Mhesrour, gu ’n robh e fhein ceart, agus Sobaide cearr, a gaireachdaich gu cridheil an uair a chunnaic e cho crosda ’s a dh’ fhas Sobaide ri Mesrour. “A bhaintighearna,” ars’ esan ri Sobaide, “aon uair eile tha mi ’g innseadh dhut co thuirt na briathran so: ‘Tha na mnathan air uairibh a’ call an tuir ’s an tuigse.’ Agus tha mi cinnteach gu ’m beil thusa ’dearbhadh gu ’m bheil na briathran so fior. Tha Mesrour air tighinn direach as an taigh aig Abon Hasan, agus tha e ’g innseadh dhuinn gu ’m fac’ e Noushatal ’na sineadh marbh air an urlar, agus gu ’n robh Abon Hasan beo, agus ’na shuidhe aig ceann a’ chuirp. Agus ’na dheigh so gu leir, cha chreid thusa an fhianuis a tha e ’togail, ged a tha e ’g innseadh na firinn. Cha ’n urrainn mi thuigsinn ciod is ciall dhuibh.” Cha do chord na briathran a labhair an righ ri Sobaide. Thuirt i ris: “Thugaibh mathanas dhomh, a Cheannaird nan Creidmheach, ma tha amhrus agam oirbh. Tha mi ’faicinn gle mhath gu ’m bheil sibh fein agus Mesrour a’ feuchainn ri dorran a chur orm, agus ri m’ fhoighidinn fheuchainn. Agus o ’n a tha mi ’faicinn gu ’m bheil an sgeul a dh’ innis e air a dheanamh suas eadraibh, tha mi ’g iarraidh cead neach a chur do ’n taigh aig Abon Hasan a chum gu ’m faigh mi fios co dhiubh a tha mi ceart no cearr.” Dh’ aontaich an righ gu ’n deanteadh mar a bha i ’g iarraidh, agus chuir a’ bhanrigh air falbh an t-seana bhanaltrum a bha ’fuireach comhladh rithe o laithean a h-oige, agus a bha, aig an am, a’ lathair comhladh ris na mnathan-coimhideachd eile. “An cluinn thu so, a bhanaltrum,” ars’ ise, “tha thu ’faicinn a’ chonnsachaidh a tha eadar an righ agus Mesrour, agus mi fhin. Cha ruig mi leas an corr a radh riut. Bi falbh do ’n taigh aig Abon Hasan, no, mar is coir dhomh a radh, do ’n taigh aig Noushatal, oir tha Abon Hasan marbh, agus faigh am mach an fhirinn mu dheidhinn a’ ghnothaich so. Ma bheir thu ugam deadh naigheachd, gheibh thu deadh dhuais air a shon; greas air falbh, agus na bi fada gun tilleadh.” Dh’ fhalbh a’ bhanaltrum gun dail, agus bha ’n righ gle thoilichte a chionn gu ’n robh Sobaide ’na leithid a dh’ iomacheist. Bha dorran mor air Mesrour a chionn gu ’n robh fearg air a’ bhanrigh ris, agus bha e ’deanamh n a b ’ urrainn e gu saod math a chur oirre, agus gus toirt oirre fhein agus air an righ a bhith riaraichte leis na bha e ’g radh agus a’ deanamh. Bha aoibhneas mor air an uair a chunnaic e gu ’n do chuir Sobaide a’ bhanaltrum air falbh; oir bha e ’g a dheanamh fhein cinnteach gu ’m biodh am fios a bheireadh i air ais ann an co-chordadh ris na chunnaic ’s na dh’ innis e fhein mu ’n chuis, agus, air an aobhar sin, gu ’n creideadh i gu ’n robh e dileas agus firinneach. Aig a’ cheart am bha suil aig Abon Hasan air an uinneig, agus thug e an aire do ’n bhanaltram a’ tighinn. Thuig e anns a’ mhionaid gu ’m b’ e Sobaide a chur air falbh i. Ghairm e air a mhnaoi, agus dh’ innis e dhi gu ’n robh banaltrum na banrigh a’ tighinn a dh’ fhaotainn am mach bun a’ ghnothaich. “Air an aobhar sin,” ars’ esan, “greas ort, agus paisg mise anns an aodach-mhairbh.” Anns a’ mhionaid leig Abon Hasan e-fhein ’na shineadh air an urlar, agus sgaoil Noushatal an t-aodach sioda a thug a’ bhanrigh dhi thairis air, agus chuir i a cheann-aodach air ’aghaidh. O ’n a bha toil aig a’ bhanaltruim a gnothach a dheanamh cho cabhagach ’s a b’ urrainn i, thainig i le ceum math laidir, agus an uair a chaidh i steach do ’n t-seomar, chunnaic i Noushatal ’na suidhe aig ceann a fir, agus i ’sileadh nan deur gu frasach, agus a falt sgaoilte sios m’ a guaillean. Bha i ’bualadh a h-uchd, agus a h-uile coltas oirre gu ’n robh i ann an trom-bhron. Ghabh an t-seana bhanaltrum direach far an robh Noushatal, agus thuirt i: “A Noushatal mo ghaoil, cha d’ thainig mi a chur stad air a’ bhron anns am bheil thu air son do cheile do ’n robh gradh cho mor agad.” “Ah! mo dheadh mhathair,” arsa Noushatal, “tha sibh a’ faicinn a’ mhi-fhortain a thainig orm, agus am bron trom a th’ orm air son bas mo cheile graidh Abon Hasan. Abon Hasain, mo cheile graidh,” ars’ ise, “ciod a rinn mise gu ’m fagadh tu cho trath mi? Nach b’ fhearr leam an comhnuidh do thoil-sa a dheanamh na mo thoil fhin? Ochan! ciod a thachras do Noushatal bhochd?” Ghabh a’ bhanaltrum ioghnadh anabarrach mor an uair a chunnaic i gu ’n robh a h-uile rud calg-dhireach an aghaidh na dh’ innis Mesrour do ’n righ. Thog i suas a lamhan, agus thuirt i le guth ard: “Is airidh Mesrour, le ’aghaidh dhuibh, ghranda, air a bhith air a sgrios air son mar a tha e ’cur cadar an righ ’s a’ bhanrigh leis na tha e ’g innseadh dhaibh de bhreugan mora. Feumaidh mi innseadh dhut, mo nighean,” ars’ ise, “mu ’n aingidheachd a th’ anns an t slaoightire ud, Mestour. Tha e cho fior dhalma ’s gu ’n duirt e ann an lathair an righ ’s na banrigh, gu ’n robh thusa marbh, agus gu ’m bheil Abon Hasan beo!” “Ochan! mo dheadh mhathair,” arsa Noushatal, “b’ e mo ghuidhe air Dia gu ’n robh sin fior! Cha bithinn anns an t-suidheachadh mhuladach so, agus cha mho a bhithinn a’ caoidh mo cheile graidh air an robh meas cho mor agam!” An uair a labhair i na briathran so, thoisich i ri caoidh na bu ghoirte na bha i roimhe, agus i mar gu ’m biodh i air thuar a dhol as a rian le bron. Bha ’bhanaltrum cho mor air a gluasad le faireachdainnean broin ’s gu ’n do thoisich i fhein ri sileadh nan deur mar an ceudna. ’Na dheigh sin thog i an ceannaodach agus an t-aodach sioda bhar aghaidh a’ chuirp, agus thuirt i ’s i ’leagadh an aodaich air ’aghaidh mar a bha e roimhe: “Ah! Abon Hasan bochd! Gu ’n deanadh Dia trocair ort! Slan leat, mo leanabh,” ars’ ise ri Noushatal; “nan b’ urrainn domh, dh’ fhanainn na b’ fhaide comhladh riut le m’ uile chridhe. Ach feumaidh mi tilleadh gun dail gus innseadh do m’ bhana-mhaighstir mar a tha cuisean, a chum gu ’n tog mi bhar a h-inntinn an dragh a chur an slaoightire dubh ud oirre le ’chuid bhreugan dalma an uair a bha e toileach a mhionnan a thabhairt gu ’n robh thusa marbh, agus gu ’m bheil Abon Hasan beo.” Cho luath ’s a dh’ fhalbh a’ bhanaltrum, agus a dhuin i an dorus ’na deigh, agus a shaoil Noush- (Air a leantuinn air taobh 230.) [TD 228] [Vol. 10. No. 30. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, MAIGH 9, 1902. Cuisean air Atharrachadh. CHA ’n eil duine no dùthaich air nach tig da latha. Beagan bhliadhnaichean roimhe so, mu ’n do thòisich an cogadh eadar na Staidean ’s an Spàin, bha iomadh naigheachd chruaidh air a h-aithris anns na paipearan Geancach air cho an-iochdmhor ’sa bha arm na Spàine a déiligeadh ris na ceannaircich ann an Cuba ’s anns na h-Eileanan Philipach. Dh’ fhàs na naigheachdan sin cho pailt, agus bha iad air an aithris air a leithid de dhòigh ’s gu robh caomh-fhaireachduinnean an t-sluaigh air an dùsgadh ann an tomhas mor; agus mu dheireadh b’ fheudar do ’n riaghladh a dhol ’s an eadraigeadh, agus a radh ris an Spàin nach fhaodadh i leantuinn air smachdadh a cuid iochdaran anns an dòigh sin na b’ fhaide. Tha fhios againn uile ciod a thachair an sin. Thòisich an cogadh, agus an ceann beagan mhios bha Cuba, Puerto Rico, agus na h-Eileanan Philipach air am fuasgladh bho chrùn na Spàine ’s air an cur fo riaghladh nan Staidean. Ann an Cuba ’s am Puerto Rico, chaidh gnothuichean a shocrachadh gu sìtheil. Ghabh an sluagh ri uachdaranachd nan Staidean air chumha gu ’m faigheadh iad, an ceann ùine, fein-riaghladh. Ach anns na h-Eileanan Philipach dheas an sluagh an aghaidh an airm Gheancaich mar a rinn iad an aghaidh arm na Spàine. Ma fhuair iad fuasgladh bho aon chuing cha robh iad a’ dol ga ’n cur fein fo chuing eile. Bhiodh iadsan saor, a dh’ aindeoin co theireadh e! Agus ged is doirbh ri chreidsinn e, an deigh do na Staidean an sluagh a chuideachadh ann am fògradh nan Spàinteach as an tir, thionndaidh iad fein ris an dearbh obair ris an robh iad sin,—a feuchainn ris an t-sluagh a chìsneachadh, agus a’ déiligeadh riuthasan a sheasadh na ’n aghaidh mar cheannaircich! Tha an obair sin a’ dol air adhart o chionn thri bliadhna, ’s i gun chriochnachadh fhathast. Agus ’s i chùis is miosa, gu bheil e ro-choltach gu robh arm nan Staidean a’ cur a cheart cho cruaidh ris na Filipinich ’sa bha na Spàintich, agus a cheart cho an-iochdmhor riutha anns gach dòigh. Tha nithean air tighinn gu solus o chionn ghoirid a thaobh iomairt an airm is ghniomharan nan ceannard nach eil idir cliùteach; agus tha corruich an t-sluaigh air a dùsgadh. Bha àrd-cheannardan an airm a’ cumail moran fiosrachaidh air ais, agus cha leasaich sin càs nan ciontach nuair a bheirear gu ceartas iad. Ach ’s e bha romhainn innse an car a chaidh an ruidhle ’bhodaich air na paipearan-naigheachd. An àite na paipearan Geancach a bhi ’g aithris naigheachdan air fòirneart is euceart na Spàine, ’s ann tha na paipearan Spàinteach a’ glaodhaich a mach gu cruaidh an aghaidh fòirneart is euceart nan Geancach. A reir an sgeòil-san, cha ’n eil leasachadh sam bith air cor nam Filipinach; tha iad cho dona dheth ’sa bha iad riamh; cha ’eil de dh’ atharrachadh na ’n suidheachadh ach gur h-iad na Geancaich a tha na ’n luchd-sàrachaidh dhaibh an diugh an àite nan Spàinteach. Ma tha gach sgeul a thatar ag aithris fior, cha ’n eil na Staidean air a nochdadh ann an solus ro-mhath, agus tha e iongantach sluagh a tha cho eudmhor air taobh saorsa bhi ceadachadh a leithid—sluagh a bha cho ullamh, an àm ’s an an-àm, gu bhi teagasg a dleasdanais do Bhreatuinn a thaobh nam Boerach. Cha robh iad riamh, mar shluagh, caomhnach air comhairle: ach cha ’n eil iad cho math air iad fein a chomhairleachadh ’sa tha iad air comhairleachadh muinntir eile. Fois na Sabaid. THA Seòmar nam Fear-ionaid,—an t-ainm fo ’m bheil pàrlamaid na Frainge a’ dol—an deigh reachd a dheanamh a bacail do neach sam bith, ann an seirbhis fhollaiseach no dhiomhair, a bhi aig cosnadh thar sia latha ’san t-seachdain. Feumaidh gach neach cothrom fhaotainn air fois a ghabhail aon latha as na seachd. Is dùthaich an Fhraing aig ’m bu chòir fhios a bhith co-dhiu tha no nach eil fois na Sàbaid feumail do ’n duine. O chionn còrr is ceud bliadhna cha robh an t-Sàbaid air a coimhead a reir lagh na dùthcha sin, agus bha iadsan a bha ’g obair seachd latha ’san t-seachduin cho lionmhor ’sa bha iadsan nach robh ag obair ach na sia. Rinneadh lagh aon uair gu ’m biodh latha as gach deich air a chumail mar latha-tàimh, ach cha d’ oibrich an lagh sin idir, ’s chuireadh an ùine ghoirid air chùl e. Agus a nise, an deigh moran laithean, agus an deigh iomadh dòigh ùr fheuchainn, tha an sluagh sin air fhaotainn a mach nach eil ni is fhearr dhaibh na tilleadh ris an t-seann dòigh, agus fois a ghabhail o’n oibribh air an t-seachdamh latha, mar a bhatar a deanamh le luchd-aoraidh Dhé o thoiseach an t-saoghail. Faodaidh daoine radh nach eil ann an gabhail fois air latha na Sàbaid ach dleasdanas no cleachdadh cràbhach, agus mur eil neach toileach a bhith cràbhach nach eil e mar fhiachaibh air an t-Sàbaid a choimhead. Ach tha iadsan a bhios a’ reusonachadh anns an dòigh sin ann am mearachd mhoir. Tha fois a ghabhail air an t-seachdamh latha na ’dhleasdanas agus na ’chleachdadh cràbhach, gun teagamh, ach tha e mar an ceudna na dhleasdanas nàdarra. Tha nàdar ag àithne do ’n duine fois a ghabhail aig amannan riaghailteach, agus mur dean e sin cha bhi e gun pheanas. Am fear a dh’ obraicheas gach latha dh’ eireas e, cha bhi e cho buan ’s cha chriochnaich e uiread obrach ris-san a ghabhas latha-fois uair san t-seachduin. Agus tha e mar fhiachaibh orrasan a tha ’gabhail fois dhaibh fein ’s a’ mealtuinn nan sochairean a tha tighinn na ’lorg, gach dichioll is urrainn dhaibh a dheanamh air an fhois cheudna thoirt do mhuinntir eile. Air an latha ’n diugh cha ’n eil iadsan do ’m beil an fhois sin air a h-àicheadh aon chuid tearc no fad as. Anns a’ bhaile so fhein tha Cuideachd an Iaruinn, gun aobhar sam bith ach ro-mheud an t-sannt, a’ cumail àireamh cheudan de dhaoine aig obair gach latha dhe ’n t-seachduin, agus tha gach tagradh a chaidh f’ an comhair air son sin a stad agus an latha-fois bu chòir a bhi aig an luchd-obrach a thoirt dhaibh, air a chur an suarachas. Cha ’n fhaod e bhith gu ’n leigear sin air adhart. Tha lagh na dùthcha na ’aghaidh agus is mithich a chur air ghluasad, o nach dean tagraidhean feum. Bu bhochd an gnothuch do shluagh na dùthcha so cùl a chur ri fois na Sàbaid aig a cheart àm a tha sluagh dùthcha eile, a chuir cùl rithe ’s a chreanaich air, a’ tilleadh rithe rithist. Fios o Sheonaid Nic Lachuinn. THA a bhan-òranaiche so an deigh crioch a chur air a cuairt do America. Direach mu ’n d’ fhalbh i thar cuain, chuir i am fios a leanas gu MAC-TALLA. Bidh na Gàidheil anns na Roinnean Iochdrach toilichte chluinntinn gu bheil i ’rùnachadh taghal orra-san air an ath bhliadhna; agus tha sinn cinnteach nach bi an fhàilte gheibh i uapa dad air dheireadh air an fhàilte fhuair i bho Ghàidheil nan Roinnean Uachdrach agus nan Staidean. “FAILTE ’S FURAN!” A’ Dheagh Charaid,—Ceadaichibh dhomh, mu ’n fàg mi ’n tir so, taing a thoirt do ’n Ghàidheal ghasda a sheinn mo chliù anns a’ MHAC-TALLA o chionn mios no dha air ais; agus mar an ceudna dhuibh fein air son nam briathran snasda a sgriobh sibh air an obair a tha mi deanamh as leth cànain agus ceòl “Tìr nam Beann.” Aidichidh mi le mor-speis, mar bhana-Ghàidheal a tha stri ri òrain bhlasda ar sinnsir a sheinn agus a chraobh-sgaoileadh, gu ’m bheil MAC-TALLA an còmhnuidh na inneal-iùil dhaibhsan a tha deònach air a’ chànain aosda a chumail beò. Agus ma ghluaiseas iad, mar bu nos, gualann ri gualainn, cha ’n fhaigh a’ Ghàidhlig no MAC-TALLA bàs am feasda. Tha mi cur am broinn na litir so duais a phaipear air son bliadhna, agus cuiridh sibh a m’ ionnsuidh e do Ghlaschu. Tha dòchas agam uair a thig mi an ath bhliadhna do ’n tìr so, gu ’m faigh mi cothrom air fàilte chridheil Ghàidhealach a chuir oirbh fein agus air Gàidheil Cheap Breatunn, agus gun seinn sinn le chéile òran math Gàidhlig. “Bu mhor am beud gu ’m bàsaicheadh A’ chànain a’s fhearr buaidh.” Slàn leibh. Is mi bhur caraid, SEONAID NIC LACHUINN. New York, Maigh 3, 1902. Latha Cur nan Craobh. B’ E Di-haoine, an darra latha dhe ’n mhios so, latha cur nan craobh. Tha an latha so a nise air a chumail anns na sgoilean an iomadh cearna dhe ’n dùthaich, agus bhiodh e air a chumail na b’ fhearr na ’m biodh fios air an latha air a thabhairt gach bliadhna beagan ùine mu ’n tigeadh e. Mar a tha, cha ’n eil fhios aig moran gu bheil a leithid de latha ann gus am bheil e seachad. Ach ged a tha ’n latha seachad air a bhliadhna so, cha ’n eil àm cur nan craobh seachad, agus bhiodh e na ni iomchuidh, cha ’n ann a mhàin do gach sgoil, ach do gach teaghlach, beagan chraobh a chur na h-uile toiseach samhraidh. Cha ’n eil an dùthaich so na “dùthaich nan craobh” ni ’s fhaide. Theich na coilltean mora romh thuaigh ’s romh theine, agus gheibhear an diugh iomadh àite lom, reidh, gun mhath do dhuine no do bheathach, a bhiodh moran na b’ fhearr na ’n robh e air fhàgail fo choille. Tha sgrios na coille a’ dol air adhart fhathast ann an iomadh àite, ach ann an àiteachan eile tha ’n sluagh a faicinn maise agus feum nan craobh, agus ga ’n cur na h-uile bliadhna. Cha ’n eil ni am baile no air dùthaich a’s bòidhche sealladh na taigh air a shuidheachadh ri taobh tuim [TD 229] [Vol. 10. No. 30. p. 5] coille, agus cha mhò a tha sealladh ri fhaicinn a’s lugha tlachd na taigh na sheasamh leis fein gun chraoibh gun phreas am faisg fàire dha. Agus ’s e sin suidheachadh àireamh mhor de thaighean na dùthcha so. Tha tuilleadh ’s a chòir dhe ’n t-sluagh a’ leigeil air diochuimhn gur bòidhche obair nàdair na an obair fein, ged is i an obair fein a’s cosdaile agus is giorra mhaireas. Togadh duine taigh, agus ma ’s duin’ òg e, bidh giorra-shaoghail air mur faic e a bhith ga ’leagail; ach cuireadh e craobh, agus bidh i a’ fàs o bhliadhna gu bliadhna, na h-ionad-ceileiridh ’s na fasgadh do na h-eòin, na sgàile do na h-ainmhidhean ’s na toileachadh do dhaoine; agus mairidh i mar sin fada ’n deigh do ’n duine chuir i a chuairt ’san t-saoghal a thoirt gu crìch. Faclair Gailig Mhic-Eachainn. Tha sinn a’ deanamh toileachadh mor ris an leabhar so. Is fada o’n bha na Gàidheil feumach air Faclair Gàilig a bhiodh na ’leabhar math earbsach, agus aig an àm cheudna saor. Tha sin air a thoirt dhaibh ann am Faclair Mhic-Eachainn. Bha am Faclair so air a sgriobhadh air tùs le Maighstir Eobhan Mac-Eachainn, sàr sgoilear tapaidh a mhuinntir Arasaig, a bha na Shagart ann am Braigh Mhàir, agus a chaochail ’sa bliadhna 1849. Sgriobh e àireamh de leabhraichean Gàilig. Bha am Faclair air a chur a mach an toiseach ’sa bhliadhna 1842, ach bha e mach á clò o chionn iomadh bliadhna. Tha an clòthadh ùr so air a dheasachadh ’s air a mheudachadh le dithis de na sgoilearan Gàilig a’s fhearr a th’ againn an diugh, an t-Ollamh Mac-Bheathain, agus Iain Mac-Ille-bhain, an Inbhir-nis. Tha còrr is aona mile deug facal anns an leabhar—mu choig no sia ceud a bharrachd air na bh’ ann a’ fàgail làimh an ùghdair. Gheibhear iomadh facal ann a bha le faclairichean roimhe so air am meas tuilleadh is Gallda—facail a bha air an gabhail an iasad o’n Bheurla, ach a gheibhear am beòil Ghàidheal anns gach cearna dhe ’n t-saoghal, agus a tha mar sin air an deanamh na ’m fior Ghàilig. Theid aig a Ghàilig air iasad a ghabhail cho math ri cànainean eile. Tha an Faclair so na ’leabhar a tha de mheud ’s de chumadh a tha furasda laimhseachadh, tha an clò glan, soilleir, ’s am paipeir math, làidir. Tha brìgh nam facal air an innse ann am Beurla. Tha an luchd-deasachaidh ag innse gu bheil na ’m beachd faclair Beurla chur a mach anns am bi brìgh nam facal air an innse an Gàilig; le sin a dheanamh cuiridh iad comain mhor eile air luchd na Gàilig. Tha sinn an dòchas gu ’m faigh an leabhar so creic mhor am measg nan Gàidheal, oir cha d’ thàinig leabhar a mach o chionn iomadh bliadhna a’s fhearr an airidh air. Maceachen’s Gaelic-English Dictionary. Second edition: revised and enlarged by Alexander MacBain, LL. D., and John Whyte. Inverness: The Highland News Office Price, 2s. 6d.; postage extra, 3d. To be had from the Publishers of Mac-Talla, Sydney, C. B. Price 75 cents by mail, post paid. Litir Bheag o Mhicheil. FHIR-DEASACHAIDH GHASDA:—Tha mi cur dolar thugad air son ainm ùr eile do ’n phaipeir Ghàilig. Cha d’ fhuair mi ’n còrr aig an àm so, ach cha d’ thug mi suas nach faigh mi tuilleadh air son cuideachadh leis a’ phaipeir fhaotainn aon uair ’san t-seachduin. Am faod mi a’ cheist a chur, cuin a bhios dùil againn ri fhaotainn mar sin, no am bheil moran cuideachaidh g’ ad dhìth fhathast air son a chur thugainn cho tric ’sa b’ àbhaist dhut? O nach eil mi cinnteach nach eil an luchd leughaidh air fàs coma dhe bhi faicinn m’ ainm ’sa phaipeir, cha chan mi an còrr aig àm so. Is mi do charaid dìleas, MICHEAL. Naigheachdan. BAS MULADACH—Latha Bealltainn dh’ eug fear Iain Mathanach, aig a Mhèinn Uir, air sàileabh sgiorraidh a thachair dha da latha roimhe sin. Bha e tarruing leasachaidh do’n ghàradh, nuair ghabh an t-each eagal, ’s bha esan air a thilgeadh as a’ chairt. Chaidh cuibhle na cartach thairis air, ga ghoirteachadh cho dona ’s nach robh e beò ach an da latha. Bha e air aon de na daoine bu shine ’s bu mheasaile bha aig a’ mhèinn, agus chuir a bhàs mulad air na h-eòlaich uile. GLUASADAN ’SA CHLEIR—Tha coithional Aiseag Mhira an deigh gairm a chur dh’ ionnsuidh an Urr. Iain Friseil, ministeir a’ Chladaich a Tuath; agus coithional Mharion Bridge dh’ ionnsuidh an Urr. Uilleam A Friseil, a tha air an earrach so ullamh ionnsachaidh ’s a mach á Colaisde. Bha an gairm sin air a ghabhail, ach dhiùlt Mr Friseil a’ Chladaich a Tuath an gairm o’n Aiseag. Tha an t-Urr. F. C. Simpson air a dhreuchd mar fhear-cuideachaidh an eaglais St. Andrew’s, ’sa bhaile so, a leigeil uaithe, agus bidh an coithional sin an ùine ghoirid a’ gluasad air son ministeir a ghairm a bhios air a shuidheachadh mar cho-oibriche do Mhaighstir Forbeis. MORT ANN AN ST. JOHN—Air an treas latha fichead de ’n mhios a chaidh, fhuaireadh seann duine d’ am b’ ainm Isac Outlin marbh na ’thaigh fhein ann an St. John, N. B. Bha làraichean bhuillean air aodann ’s air mullach a chinn, agus bha fuil mu ’bheul ’s mu ’shròin. Tha e ro choltach gu ’m b’e mhort a rinneadh. Bha e na ’dhuine aig an robh roinn mhath de dh’ airgead, agus ainm a bhi gle spìocach. Bha e fuireach leis fhéin agus a’ gabhail a bhìdh ann an taigh eile. ’S e fear an taighe sin a dol gu ’ionnsuidh le shuipeir a fhuair marbh e. Cha robh e aig a dhìnneir no aig a bhraiceas, agus tha e mar sin coltach gu robh e air a mharbhadh tràth ’san latha no air an oidhche. FALBH MHAIGHSTIR MHIC-ISAIC—Dh’ fhalbh an t-Urr. Iain I. Mac Isaic á Sidni air an t seachduin s’a chaidh. Bha e anns a’ bhaile so mar shagart cuideachaidh ’san eaglais Chaitlicich o chionn thri bliadhna, agus bha meas mor air mar dhuine ’s mar phears’-eaglais. Oidhche na Sàbaid mu ’n d’ fhalbh e, bha sporan anns an robh tri cheud dolair de dh’ òr air a thoirt dha mar ghibht o mhuinntir a’ pharraist, agus bha àireamh de ghibhtean luachmhor eile air an toirt dha an deigh sin. Tha e air a dhol gu parraist Lakevale, an siorrachd Antigonish, an àite an Athair Mhic-Gillesheathaich, a chaochail air a mhios a dh’ fhalbh. Tha ’àite ann an Sidni air a ghabhail leis an Athair Iain I. Camaran, a bha na fhear-cuideachaidh aig an Athair Mac-Gillesheathaich. Ged is Gaidheal Maighstir Camaran a fhuair a bhreth is àrach an Alba, tha e gun Ghàilig, agus mar sin cha bhiodh e cho feumail ann an Lakevale ri fear aig am bheil a chainnt sin, oir is parraist Gàilig a th’ ann. ’S e sin a dh’ aobharaich an t-athair Mac-Isaic a bhi air a thoirt air falbh á Sidni. IAIN BROWN MAR SGAOIL—Fhuair Iain Brown, a bha ’sa phriosan air son ionnsuidh mharbhaidh a thoirt air Calum Mac-Fhearghais, teicheadh as a’ phrìosan oidhche Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Tha Iain tinn leis a’ chaitheimh, agus an àite chumail an aon de sheòmraichean a’ phrìosain, thugadh àite tàimh is cadal dha ann an seòmar na jury. Bha e cumail ris an leabaidh fad na h-ùine, agus e air choltas cho tinn ’s nach do smaoinich fear-a-phrìosain no neach eile gu ’n toireadh e ionnsuidh air teicheadh. Ach maduinn Di-ciaduin bha a leabaidh ’s a sheòmar falamh, agus litrichean air am fàgail ag innse gu robh e air a dhol gu taobh na mara air son a shlainte. Tha e ’sna litrichean sin ag àithne do luchd a cheartais, gun cur air a thòir, agus a’ gealltainn gu’n till e ’san òg-mhios a sheasamh cùirte, ma bhios e beò, agus mur bi e beò, gu ’n tig e ma’s urrainn da, a chur eagail orra. Cha’n eil teagamh nach robh e air a chuideachadh le cuideigin eile, oir cha bhiodh na chomas faotainn a mach leis fhein. Bha lorgan eich is carbaid air am faotainn aig dorus a phrìosain. Tha a’ chùis a nise ann an lamhan an t-siorraim, agus mur dean esan prìosanach dheth a rithist ’s e ’s dòcha nach faicear Iain còir aig a’ chùirt ’san òg-mhios, aon chuid ’sa choluinn no ’san spiorad. BAS AN ATHAIR MHIC-NEILL—Chaochail Maighstir Iain I. Mac Neill aig Iona, air a cheathramh latha fichead de dh’ Aprail. Bha e tinn o chionn còrr is bliadhna gu leth, air dha bhi air a bhualadh le parilis mu mheadhon an fhoghair 1900. Bha e tri fichead bliadhna dh’ aois, agus bha e na ’shagart am paraiste Iona fad thri bliadhna fichead. Bha meas mòr aig a shluagh air. Bha e air a thiodhlacadh aig Eilean Christmas Di-dòmhnaich an seachdamh latha fichead, agus bha barrachd cruinn ’s a chunnacas riamh roimhe aig tòrradh anns an sgireachd sin. SEANA BHEAN AIR CHALL—Tha bantrach Dhomhnaill Mhic-Coinnich, a bha fuireach air an Enterbhail Mhoir, am Margaree, air chall o chionn cheithir seachduinean, agus cha’n eil a nise dùil sam bith r’a faotainn beò. Cho luath ’s a chaidh a h-ionndrain dh’ fhalbh sgioba dhaoine ga ’h-iarraidh, ach gu ruige so cha d’ fhuaireadh i, beò no marbh. Tha beinn air am beil coille mhor, dhlùth, os ceann an àite ’san robh a còmhnuidh; fhuaireadh a lorgan anns an t-sneachda suas a bheinn sin, ach air do ’n t-sneachda leaghadh, chaidh an call, ’s cha’n eil dòigh air an taobh a ghabh i a dheanamh mach. Bha i ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus cha’n eil e ro choltach gu ’n seasadh i ùine mhor ri fuachd ’s ri anastachd. FEIN-MHARBHABH—Thainig fear Patraic Daley ri bheatha fein anns a bhaile so maduinn Di-dòmhnaich, an seachdamh latha fichead de dh’ Aprail. Leum e dh’ an uisge bhar na drochaid a tha eadar an obair-iaruinn ’s am baile. Fhuaireadh a chorp mu dha uair feasgar. Bha e gle throm air an òl agus chaidh e car as a rian o chionn mios no dha air ais. Bha lighiche a’ bhaile a frithealadh dha pàirt dhe ’n ùine uaithe sin, ged nach robhas a meas gu robh e ann an cunnart. Cha’n eil teagamh nach robh inntinn air aimhreit nuair a chuir e as dha fhein. Thainig e an so á Boston, agus cha robh gin dhe chuideachd ’sa bhaile. Bha mu cheud gu leth dolair aige ann am fear de na bancaichean. Bha e coig bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. AN SIORRAM BUCHANAN—Tha Uilleam Buchanan an deigh a dhreuchd mar àrd-shiorram na siorrachd so a leigeil uaithe agus tha Deòrsa B. Ingraham, á Sidni Tuath air a chur na àite. Bha Mr. Buchanan anns an dreuchd fad shia bliadhna deug, agus faodar a radh le firinn nach b’ urrainn duine a dhleasdanas a dheanamh na b’ fhearr agus na bu lugha cruais na bha esan ga ’deanamh. Bidh iomadh dleasdanas mi-thaitneach air a chur fa chomhair oifigeach-lagha, agus is e fear ainneamh dhiubh aig nach bi grunnan math de naimhdean; ach cha ’n fhiosrach sinn gu bheil aon aig Mr. Buchanan. Tha e nise na ’sheann duine, agus feumach air fois o ’shaothair, ach tha dòchas aig a chàirdean uile gu bheil iomadh bliadhna de shaoghal sona, saor o thinneas is gach trioblaid eile, roimhe fhathast. A’ DAORADH NA FEOLA—Tha cuideachd de dhaoin’ earrasach anns na Staidean an deigh greim fhaotainn air margaidhean-feòla na dùthcha. Tha iad a’ togail na prìse air son tuilleadh airgeid a dheanamh dhaibh féin agus tha àireamh mhor dhe ’n t-sluagh air sàileabh sin do nach eil e comasach feòil a cheannach. Tha an dòigh gnothaich so air fàs gle chumanta anns na Staidean, ’s tha iadsan a tha ris a’ fàs anabarrach saoibhir. Ach cha’n eil e cinnteach gu ’n dean iadsan a tha daoradh na feòla am beairteas cho luath ’s a bha iad an dùil. Theid aig daoin’ air a bhi beò air biadh eile, agus feuchaidh iad ri deanamh as aon ais feòla nuair a dh’ fhàsas i ro-dhaor. Tha àireamh mhiltean de luchd-obrach ann an Chicago ’s am bailtean eile air aontachadh nach ith iad greim feòla gu ceann mios, agus mur bi a phrìs na ’s ìsle an uair sin, ni iad trasg fad mios eile. Ma ghabhar an dòigh sin le moran eile, faodaidh na h-uaislean a bha ’dol a dheanamh am fortain air biadh an t-sluaigh a bhi ’n ùine ghoirid sgìth gu leòr dhe ’n dòigh a ghabh iad. O ’n chaidh so a sgriobhadh, tha fiosan á Chicago ag innse gu bheil malairt na feòla air tuiteam cheana; nach eilear a nise creic ach mu dha thrian dhe ’n tomhas a bhatar a’ creic mu ’n deach a’ phris àrdachadh. Faodaidh gu ’n toir so air na daoine gun chogais a thuigsinn ged a theid aca air prìs bidh àrdachadh nach eil na ’n comas toirt air an t-sluagh an seòrsa bidh a thaghas iadsan ithe. [TD 230] [Vol. 10. No. 30. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 227.) atal nach tilleadh i air ais, thiormaich i na deoir bhar a h-aghaidh, agus dh’ fhuasgail i Abon Hasan. Shuidh iad le cheile air an t-sofa mu choinneamh na h-uinneig, a’ feitheamh feuch cia mar a thigeadh na cuilbheartan so gu crich, agus gus a bhith deas gus an gnothach a dheanamh a reir mar a thuiteadh cuisean am mach. Aig a’ cheart am ghreas a’ bhanaltrum oirre cho math ’s a b’ urrainn i gus fios a thoirt do Shobaide mar a bha. Leis cho toilichte ’s a bha i leis an naigheachd a bh’ aice ri innseadh d’ a banamhaighstir, agus gu h-araidh a chionn gu ’n robh duil aice ri duais mhath fhaotainn, ruith i, agus an anail an aird a’ chleibh aice, do ’n t-seomar anns an robh a’ bhanrigh, gus a naigheachd innseadh dhi. Dh’ eisd Sobaide ris na bh’ aig a’ bhanaltrum ri innseadh dhi le toileachadh gu leor; agus an uair a chuir i crioch air na bh’ aice ri innseadh, thuirt Sobaide le guth a bha ’nochdadh gu ’n robh i toilichte gu’n cleachaidh an tagradh leatha: “Aithris do naigheachd aon uair eile ann an lathair an righ, a tha ’g amharc oirnn uile mar nach biodh annainn ach dearg òinsichean. Bu mhiann leis a thoirt oirnn a chreidsinn nach ’eil aon chuid tur, no diadhachd annainn. Agus innis do naigheachd mar an ceudna do ’n traill dhubh, aingidh sin aig an robh de dhànadas naigheachd bhreugach innseadh, ged a bha fhios aige gur e na breugan a bha e ’g innseadh.” Bha Mesrour an duil gu ’m biodh an naigheachd a bheireadh a’ bhanaltrum gu Sobaide a reir na naigheachd a thug e fhein thun an righ, agus bha e air a dhorranachadh an uair a chual’ e na bh’ aice ri radh. Bha e fo dhoilghios mar an ceudna, a chionn gu ’n robh fearg air a’ bhanrigh ris, agus e an duil gu ’n robh e fhein na bu chinntiche as a’ chuis na neach sam bith eile. Bha e toilichte a chionn gu ’m faodadh e ’inntinn a leigeadh ris gu saor do ’n bhanaltrum ged nach bu dana leis sin a dheanamh do ’n bhanrigh. “A bhean chraosach ghranda,” ars’ esan ris a’ bhanaltruim, “tha thu ’g innseadh nam breug, agus cha ’n ’eil facal firinn anns na tha thu ’g radh; oir chunnaic mise le mo shuilean fhin Noushatal ’na sineadh marbh air an urlar.” “Tha thu fhein ’nad dhearg bhreugaire,” ars’ a’ bhanaltrum ’s i ’freagairt le corruich. “An dana leat breugan cho comharraichte a labhairt ’nam lathair, agus mi direach air tighinn an deigh dhomh Abon Hasan fhaicinn ’na shineadh marbh; agus a bhean beo ’s i ’na suidhe aig a cheann?” “Cha mhealltair idir mi,” arsa Mesrour; “is tusa ’tha ’feuchainn ri ar cur uile cearr.” “Nach tu tha mimhodhail,” ars’ a’ bhanaltrum, “an uair a tha de dhanadas agad a radh, ann an lathair an righ ’s na banrigh, gu ’m bheil mi ’g innseadh nam breug, an uair a tha mi direach an drasta fhein an deigh na dh’ innis mi dhaibh fhaicinn le mo shuilean fhin.” “Seadh gu dearbh, a bhanaltrum,” arsa Mesrour; “is fhearr dhut do bheul a chumail duinte; tha thu air a dhol ’nad bhreislich.” Chuir na briathran so a labhair Mesrour ris a’ bhanaltruim dragh mor air Sobaide, agus thuirt i ris an righ: “A Cheannaird nan Creidmheach, tha mi ’g iarraidh gu ’n smachdaichear e air son nam briathran taireil a tha e ’labhairt ruinn le cheile.” Bha i ’na leithid de chorruich ’s nach b’ urrainn i facal tuilleadh a radh, agus thoisich i ri sileadh nan deur. (Ri leantuinn.) Ge b’e do’n d’ thug thu ’mhin, thoir dha a’ chàth. “Air Diteadh gu Bas gun Dearbhadh Soilleir.” IS lìonmhor eisimpleir a ta againn air daoinibh a bhi air an cur gu bàs gu neo-chiontach, do bhrigh nach robh an dearbhadh a bha ’nan aghaidh cinnteach ann fein. Bu chòir, uime sin do bhreitheamhnaibh a bhi anabarrach cùramach ciod an fhìanuis leis an dìt iad an co’-chréutairean fein gu bàs, do bhrigh gur fearr fichead ciontach a chur fa sgaoil, na aon neach a chur gu bas agus e neo-chiontach. Bheir sinn cùnntas air cùis iongantaich do’n ghnè so, a thachair o cheann ghoirid ann an Sasunn. Bha fear do’m b’ ainm Ionatan Bradford a’ cumail tigh-òsda ann an siorramachd Ocsfoird, a bha fo dheadh chliù. Bha duin’-uasal do’m b’ ainm Haies, a’ gabhail na slighe gu baile Ocsfoird, agus chuir e suas car oidhche ann an tigh Bhradfoird. Ghabh e a shuipeir maille ri dà dhuin’-uasal eile, agus gun umhaill sam bith, dh’ innis e dhoibh gu ’n robh mòran airgid m’a thimchioll. Aig am iomchuidh chaidh iad gu fois: chuireadh Haies do sheòmar leis fein, agus an dithis eile do sheòmar anns an robh da leabaidh, far an d’ fhag iad, a réir cleachdaidh mòrain sluaigh, coinneal a’ lasadh ré na h-òidhche! Ann an ùine ghoirid an déigh dhoibh dol d’ an leapaichibh, dhùisg fear do ’n dithis dhaoin’-uaisle, agus air leis gu’n cual e osnadh tròm anns an ath sheomar, dh’ éirich e, dhùisg e gu ciùin a chompanach, dh’ éisd iad le chéile car tamuill, chual’ iad caoidh agus gearan, mar aig neach a’ dol gu bàs, leum an ath fhear as a leabaidh agus ghluais iad ’nan dithis gu tosdach a dh’ ionnsuidh doruis an t seòmair, anns an robh iad a’ cluinntiunn a’ ghearain. Cha robh an dorus buileach dùinte, agus chunnaic iad solus a steach. Dh’ fhosgail iad an dorus, chaidh iad a stigh, agus feuch! an t-eagal leis an do bhuaileadh iad, an uair a chunnaic iad duine ’san leabaidh ’ga aoirnoagan ’na fhuil fein, agus duin’ eile crom os a cheann’, le lòchran ’san aon làimh, agus sgian ’san làimh eile. Is luath a dh’ aithnich an dà dhuin’-uasal gu’m b’e am fear a mhortadh, esan a ghabh a shuipeir maille riu, agus gu’m b’e fear an tigh-òsda fein, aig an robh an t-inneal bàsmhor ’na laimh! Rug iad air Bradford, thug iad an sgian uaith, agus chuir iad ’na eudann gum bu mhortair e! Ach thagair esan a neo chiontas fein, chaidh e as àicheadh gu dìan ag ràdh gu’n d’ thainig esan an sin leis a’ cheart rùn leis an d’ thainig iad fein, gu’n cual e osnadh, gu’n do léum e as a leabaidh, gu’n do las e solus, gun d’ thug e sgian leis chum e fein a dhionadh, agus nach robh e leth mionaid ’san t seòmar mun d’ inndrinn iad fein e! Cha deanadh na leisgeulan so féum dha, chuireadh an làimh e gu maduinn, agus thugadh an sin e an làthair fir ceartais a bha sa ’choimhearsnachd. Bha e do ghnàth a’ tagradh a neo-chiontais fein, ach bha nì-éigin amhrasach mu ’n cuairt d’ a ghiùlan, a thug air an fhear-cheartais a ràdh, “Cha ruig thu leas a bhi labhairt mar sin, a Bhradford, oir tha e cìnnteach gur tusa no mise, a rìnn am mort so.” Bha ’n gnìomh oillteil so ann am béul nan uile, agus leis na h-uile bha Bradford air a dhìteadh! Ann am beagan ùine an deigh sin, thàinig là na deuchainn, ann am baile Ocsfoird. Bha ’chuirt air a lìonadh leis gach àrd agus ìosal. Thugadh Bradford an làthair nam Breitheamh, agus thagair e a neo-chiontas fein. Ach ciod a b’ urrainn a bhi ni bu treise na fianuis an dà dhuin’-uasail? Mhionnaich iad ga ’n d’ fhuair iad Haies air a mhortadh ’na leabaidh, gu ’n do ghlac iad Bradford ri taobh a’ chuirp le sgithinn agus lòchran, agus gu ’n robh an sgìan agus an lamh anns an robh i làn fola! Chuir iad an céill gu ’n robh coslas ciontach air a ghiùlan, an uair a chaidh iad a stigh do’n t-seòmar, agus gu ’n cual iad beagan mhionaidean roimhe sin, caoidh agus gearan an duine a mhortadh! Ghabh Bradford a leisgeul fein, agus thagair e a chùis mar a a rinn e roimhe, ach bha na breitheamhna a dh’ aon ìnntinn, ag ràdh, gu ’n robh gach leisgeul a thagair e faoin agus suarach, an coimeas ris an dearbhadh laìdir a bha ’na aghaidh. Bha ’chùis co soilleir an aghaidh a’ chiontaich, ’s nach do smuainich an luchd-deuchainn gu ’n robh aobhar idir aca dol air leth do sheomar eile, chum am barail a dheanamh suas, ’s a chur an ceill, ach ghlaodh iad a dh’ aon ghuth, gu’n robh am prìosanach ciontach do mhortadh Mhaighstir Haies! Beagan an déigh sin chrochadh Bradford, agus bha e gus an uair fa dheireadh a’ cur an céill, nach robh e ciontach, agus gu’n robh e gu h-iomlan aineolach mu ’n mhortadh, ach cha robh neach sam bith ’ga chreidsinn! Bha Bradford, gidheadh, ag innseadh na firinn, oir cha b’ e idir a rinn am mortadh!—Rinneadh e le gille an duin’-uasail a mhortadh!—agus co luath ’sa shàth e an t-inneal marbhtach ann an corp a mhaighstir, ghrad thug e as ’eudach an t-airgiod, uaireadair òir, agus nithe luachmhor eile, agus ruith e air ais d’ a sheòmar fein! Cha b’ urrainn so uile tachairt ach mu aon mhionaid mun deachaidh Bradford a steach do sheòmar an duin’-uasail a mhortadh! Fhuair an saoghal fios air so uile, a mhàin, trìd agartais coguis an fhìor mhortair. Dh’ fhàs e tinn ochd mìosa deug an déigh do Bhradford a bhi air a chur thairis, agus dh’ innis e gach nì gu saor. ’Se aithreachas leabaidh-bàis a bh’ ann, agus air da bàs fhaotuinn, chaill an lagh a chreach! B’ fhearr air dòigh, gum b’ e so an t-iomlan, ach tha tuilleadh fathast ri innseadh! Ged bha Bradford neo chiontach do’n mhort so, bha e gidheadh ’na mhortair ’na chridhe! Chual e, co math ris a’ ghille, Haies ag ìnnseadh aig a shuipeir, gu ’n robh mòran airgid air a shiubhal, agus chaidh e gu ruig a sheòmar leis a’ cheart rùn a bha ann an cridhe a ghille a mhort e! Bhuaileadh le h-iongantas agus eagal e, an uair a chunnaic e an gnìomh sin air a dheanamh, a bha ’na chridhe fein a dheanamh! Cha b’ urrainn e a shùilean fein a chreidsinn, agus air da an t-eudach leapach fhilleadh sios, dh’ fheuchainn an robh an duine da rìreadh air a mhortadh, thuit an sgian as a làimh air a’ chorp, agus mar so, ’n uair a thog e i, bha i fein agus a làmh làn fola! Aig a’ mhionaid ’san d’ rinn e sin, chaidh na daoin’- uaisle a stigh far an robh e! Dh’ innis Bradford na nithe so uile do ’n mhinisteir a bha ’frithealadh dha, an déigh dha bhi air a dhìteadh gu bàs, ach cha robh esan no neach eile idir ’ga chreidsinn. Tha sinn a’ faicinn an so, eadhon an rùn a mhàin chum aingidheachd ghràineil a chur an gnìomh, air fhiosrachabh le dìoghaltas agus peanas; agus tha so a’ deanamh soilleir dhuinn, gur mìorbhuileach oibre freasdail Dé! Ach a thuilleadh air so, tha rabhadh an so do na h-uile, iad a bhi air am faicill nach feuch iad an airgiod agus an òr do shluagh eile ann an àitibh coimheach. Thuit Haies ’na chreich do mhi-chùram air an dòigh so. Bha buaireadh an airgid tuilleadh ’s làidir, tha sinn a’ faicinn air son dithis do ’n chuideachd bhig sin a bha làthair air an oidhche sin! Nach soilleir an dearbhadh so air briathraibh an abstoil, gur “h-e gaol an airgid freumh gach uilc?”—Cuairtear nan Gleann. Ge b’e nach fuiling docair, cha ’n fhaigh e socair. Ge b’e nach dean a ghnothach cho luath ri ’sheise, ni e uair a ’s aimh-dheis’ e. [TD 231] [Vol. 10. No. 30. p. 7] Comunn na Stuamachd. LE ROB MAC-DHUGHAIL. Bu mhac Rob Mac-Dhùghail do dh’Alasdair Mac-Dhùghail, a bha na thuathanach ’am Braigh-Fasaidh. Chaidh e do dh’ Australian mu ’n bhliadhna 1843, far an do ghabh e tuineachas mu cheithir mile bho Mhelbourn. Bhiodh e aig an àm sin, a reir iomraidh, mu dha fhichead bliadhna ’dh’ aois. SEISD— Buaidh le comunn mo ghaoil! Piseach air comnnn mo ghaoil! O! soirbheachadh math leis a chomunn A chuir an droch obair ma sgaoil. Gu ’n tuigeadh an leughadair suairce An commm a luaidh mi am rann; ’S e comunn fior ghasda na stuamachd Mu ’n togainn mo dhuan anns an àm, An comunn a dh’ eulaidh mu thuath oirnn’ Feadh ghlacagan uaigneach nan gleann, A’ leasachadh cleachdaidh na tuath-cheairn, ’S a cheartachadh gluasaid nan clann. Tha ’n comunn so urramach, feumail, A chasgadh gach eucoir ’us gò; ’S thoirt caochlaidh ro mhathasach ceutach Air abhaist mi-cheillidh nan slògh; Am fear a bha ’n uiridh le daoirich Na shineadh ’s an aolach gun treoir, Tha ’m bliadhna, air fhein ’s air a theaghlach, Le ’aran ’s le ’aodach a fòir. ’S a bhean a bha ’n uiridh gle dhiùmbach, ’S le bochduinn fo thuirse ’s fo bhron, Tha ’m bliadhna gu h-aighearach, mùirneach, ’S am pailteas mu tùrlach de lon. O’n ’mhosgail fear tighe o ’dhùsal, ’S a dh’ fhosgail a shùilean o chlo, ’S a dh’ eirich gu farumach, sùrdail, Mar dhuine as ùr a’ tigh’nn beo. O ’n threigeadh leo cuideachd dhroch dhaoine, ’S an coluadar baobhail gun tùr, Fhuair fuasgladh a aimbeart an t-saoghail, ’Us mhothaich iad saorsa as ùr; Faic ’nis iad gu h-aithreachail geamnuidh, “’G ath cheannach na h-aimsir” le sgoinn, ’S ’toirt eisimpleir ’s airidh a leanmhuinn Le ’n oibribh ’s le ’n sean ’chas do ’n cloinn. Gu ’m b’ ionmholt’ gu ’n teagamh ’s bu chliuiteach An gradh chuir air tus e air bonn, Gradh dian nach robh farasd a mhùchadh ’Las cridheachan iulmhor nan sonn Le curam mu an’ma neo-bhàsmhor A thearnadh gu bràth ’s a chuir saor; Ged their a chuid mhor de na phràbar, “Cha ’n ’eil iad ach ’sàbhal am maoin.” Is ainmeil am ball deth ’s is fheumail, An sagart ’tha ’n Eirionn ud thall, Bu bhuannachdail sealbhach do cheudaibh A chuairt ’thug an treun-laoch a nall; Thug Matthew math iomadh fear dalma A purgadoir gailbheach an oil; Chuir an sagart so comain air Alba, Ged dhiult e ’s a charbhas dhi feoil. Gur fhada ’bhios cuimhn’ agus luaidh air A bhall sin deth, Ruairidh nan glonn, A theann ris ’s na h-eileanaibh tuathach, ’S a sgaoil e gu buadhach ’n ar fonn; Is dileas ’s is gaisgeil an fhianuis E, ged a bha iannad gun cheill A feuchainn ri ’sgaradh o ’n fhion-lios Mar mheangan de chrionaich gun fheum. Am fear a ghabh aisling neo-bhrioghar, Nach bi e ga h-innseadh gach là; Ach esan ’ghabh focal na firinn, Sior sheasadh e dileas do ghnàth. Ciod e an droch mholl do na chruinneachd? No ciod e an cruinneachd do ’n mholl? ’N teid daoine glan stuama nan cuideachd, Is daoraich gan luidreadh ’s a pholl? Cha teid: oir gu deimhinn is leir dhuinn An caochladh th’ air beusaibh an t-slòigh, O ’n thuig iad da rireadh gu ’m b’ fheumail Bhi diteadh ’s a seunadh na pàit; (Air a leantuinn air taobh 232.) Oran Do sgioba bàta a mhuinntir Chnoideart, a bhàthadh aig Rudha Arisaig ’sa bhliadhna 1831, le Eoin Mac Gillebhrath, nach maireann, Dunmaglass. Tha liunn-dubh air feadh an àite Mu ’n da bhràthair bhàthadh comhladh, Domhnallach aig Allt Mhic-Càra, ’S na deagh àrmuinn bha na chomhdhail; Am pòitearachd na droch nàdar Cha do chàraich Dia na ’r feola; ’S lionmhor cridhe dh’ fhag sid cràiteach ’Bharrachd air na dh’ àraich og sibh. Och, mo thruaighe! ’s tus’ Eoin Ghrannd A chaill a chlann bu mhath beusan; Shaoileadh tu gu ’m biodh tu taingeil Mur am biodh iad ann le cheile; Liath am bliadhna so roimh ’n àm thu, Dh’ fhag i fann is mall na d’ cheum thu, Gur beag an t-ioghnadh thu bhi ann; Is mor do chall am measg nan ceudan. Gur beag an t-ioghnadh leam Anna Bhi trom galach mar a tha i, ’S ann ga dith a tha na fearaibh, Deagh chaidreabh ’sa dearbh bhràthair; ’Nuair a dhuisgeas i ’sa mhaduinn Anns an leabaidh gur a fàs i; Chuir sid sgian ad chridhe sparradh Nach tig asad fad do làithean. ’S beag ioghnadh leam i bhi truagh dheth, ’S a gruaidhean gu silteach siubhlach, Mu ’n ionndrainn a thugadh uaipe; Measg an t-sluagh cha robh an diumb ann; An Dia thogair an toirt uaipe Dheanamh fuasgladh anns gach cùis oirr’, Bho ’n dh’ ordaich E bàs a fhuair iad, Sgrios an cuan, mar caigh ga ’dùnadh. ’S iomadh cridhe tha ’n diugh cràiteach, ’S ann mu bhàthadh Dhomhnaill Grannd e, Beul a toirt a mach a ghàire ’Nuair bhiodh càch a dol air aimhreit; Leam is duilich e ri ghradhainn, Do bhean og i bhi na bantraich; Beannachd an t-sluagh leis na h-armuinn, Leam is truagh na chaidh air chall oirnn. Ach Alasdair bhàin, a charaid, ’S fada leam a tha thu di-chuimhn: ’S og a thogadh thu ’n taic rium, Do mhi-thlachd cha ’n fhacas riamh ann, Ach fior siobhaltachd is ceartas, Sid a chleachd thu ’n àite mi-thlachd; Cha bu mhac thu mar an t-athair Na ’m biodh atharrachadh giomh ann. Bha oganach de chloinn Mhic Leoid ann, Ged nach robh ar n-eolas dlùth air, Far an robh e greis a comhnuidh, ’S e na h-eolaich ’bheireadh c’iù air; Mac an athair nach robh comhstri, Fhuair e leon ’s bu mhor an diubhail, Chuir e fear eile fo ’n fhoid dhiù— Cha robh sid cho mor ri chunntas. Bho na dh’ fhalbh iad air an turus, Gun tigh’nn tuilleadh thun an càirdean, Na ’n deanadh sibh galar fhulang, Ma ’s e b’ urraiun duibh fo ’r nàdar; ’S fios agaibh ’san t-saoghal uile Nach ’eil duine dol a thàmhachd, Sinn a falbh mar thilgeadh duilleach, Thusa ’n diugh is mise màireach. Na ’m bu stoirm a chuir sibh thairis, Cha ghearainean fhein cho mor e, No aimbeart am meadhon mara— ’S tric a chailleadh nan daoin’ eolach— Ach cuir as duibh ri taobh cladaich, ’S daor a cheannaich càch am voyage, A rinn shallop dubh a calladh ’Tigh’nn gu acair oidhche Dhomhnaich. Moch Di-luain an àm dhuinn gluasad, Gun sibh buan fo thus na samhuinn, Fhuair sinn naigheachd a bha cruaidh leinn, Luchd gun smuairnean bhi air chall oirnn; Trod no misgearachd no tuasaid No mi-stuaim gu ’n robh sibh gann dheth; Mo dhochas gu’n d’ rinn sibh buanachd A bhios buan am measg nan ainglibh. ’S e bhith cuimhneachadh ur coltais Cha’n ’eil ann ach smuaintean diomhain, Ged b’ ann san ùir bhiodh an collunn, Theid i dholaidh, ’s beag is fhiach i; ’S e bin ’g ùrnuigh ris na h-aingeil Na bheil againne ri dheanamh, Criosd a dh’ fhuasgladh air ur n-anam Gu bhi maireannach na fhianuis. Iadsan a Phaigh. Eachunn G. Mac Aoidh, Bras d’Or Mor. Iain F. Domhnullach, Seana Bridgeport. Gilleasbuig Moireasdan, Horne’s Road. Aonghas Gillios, Braigh Mhargaree. Aonghas Bautan am Pon Mor. Caipt. Raonull Moireasdan, Halifacs, N. S. A. A. Mac Gillebhrath, Dunmaglas, N. S. Donnacha Gillios, Whimroad Cross, E. P. I. S. Mac-a-Phearsain, Green Marsh, E. P. I. An b-Urr. G. Mac-Mhuirich, Sonya, Ont. Anna P. Nic Laomuinn, Tiverton, Ont. A. I. Mac Dhiarmaid, Ottawa, Ont. F. A. Gemmel, Selkirk, Manitoba. F. A. Mac Coinnich, Vancouver, B. C. Domhnail Dùghlach, Red Jacket, Assa. Calum Ros, Milan, Cuebec. Domhuall Mac Laomuinn, Detroit, Mich. Alasdair Torrey, Pittsburg, Dakota Tuath Alasdair Mitchell, Bowesmont, Dakota Tuath Domhnall D. Camaran, San Francisco. Seonaid Nic Lachuinn, Glaschu, Alba. Iain Hosack, Dun-Eidionn, Alba. Niall Mae Leoid, Waipu, New Zealand. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air S2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’ orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beaitsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 232] [Vol. 10. No. 30. p. 8] Comunn na Stuamachd. (Air a leantuinn o thaobh 231.) Na misgearan mosach le athadh Cha tog, air an latha, an sùil: Ma ’s fheudar gu ’n caisg iad am pathadh, ’S ann dh’ eigheas iad searrag do chùil. Mo thruaighe! air son luchd nan tigh-osda, Tha cuspair an dochais ’dol eug, Cha’n ioghnadh iad ’chasadh an sron rinn, ’S bhi ’g aithris droch sgleo oirnn is bhreug; O’n thachair do chomunn na stuamachd Bhi seoladh an t-sluaigh air deagh cheum, Chaill moran diubh “dochas am buannachd” ’S cha ’n fhaigh iad na dh’ fhuasglas am feum. AN II CUID. O! c’àit a bheil obair cho suarach, Ri suidhe mu ’n cuairt air a bhord! An conaltradh dàna ri tuaileas, Ri brionnal mi-chuannta ag ol; Co-fharpais gun tlachd agus buaireas, Mu dheireadh a’ bualadh nan dorn, ’S a mionnachadh ’chaoidh nach duin-uasal An siachair nach sguab leis a chorn? Fear ’rùchdail an leth-oir na luatha, Fear eile ’na shuacan air stol, Fear ’brùchdail ’sa sgeithe mu ’n chuaiche, ’S fear eile ’toirt fuaim air a cheol; An nàmhaid gu ailghios ri lua’ghair, Cha ’n iarr e ceol-cluaise ni ’s fhearr, ’M feadh dh’ fhanas an cogaisean suaimhneach, Oir tha iad gu luath a dol cearr. ’S a mhadainn an àm dhaibh sud dùsgadh, ’S neo-aoidheil an gnùis ’us am fiamh, Iad anshocrach, acaineach, ciùrrte, Trom, airsneulach, brùite nan cliabh; Cha chluinnear o’n slugan ach càrsan, Oir theirig an tàbhachd ’s an cli, Cha ghabh ’us cha ’n fhuiling biadh làidir, Cha fhreagair d’ an càileachd ach ti. Nach anabarrach meallta am bruadar Bha ’n eanchainnibh luaineach nan Gàidh’l, ’N uair mheas iad an carraid ’s an tuasaid An cuideachdaibh truaillidh nam bàl. Mar ghaisge, mar urram, ’s mar chruadal, Bha dhaibhsan tur dhualach ’s an stri; Nach ioghnadh nach tuigeadh na truaghain Ciod e chuir an t-uabhar ’nan cridh’. Ach ’nis bheir an comunn so buaidh orr’, ’Us treigidh am fuath ’us am fraoch, Cha ’n fhaicear tuill’ eabar mu ghuaillibh, No sgrioba mu ghruaidhibh nan laoch; Cha bhi fear-na-toiseachd an uachdar, A’ cur nan daoin’-uaisle fo shàil; Bidh iadsan gu ceanalta, suairce, ’Us paidhidh an tuath dhaibh na màil. Cha ’n fhaicear fir choire na stuaime Ni ’s mo aig luchd druaibe an sàs, Ma ’s eiginn gu ’n iarr iad ’bheag uatha Leo iocar a luach dhaibh gun dàil; Dh’ fhalbh cosnadh nan earraide crosda, ’Bha fiaradh, le brosgul an ròd, Chaill iadsan an greim bh’ ac de ’n cuspair, ’S cha chluinnear an gusgal ’s a mhòd. Ach sibhse ’chuir comunn na stuamachd An aidbheil caoin-shuarach ’s an nòs, Tha mise ’g radh ribh anns an uair so, Gu bheil sibh ’na ’r truaillidheachd fòs; Cha dàn ’us cha nàr leam ’bhi ’g innseadh Gu ’n tug sibh do fhìreantachd fuath, Oir dearbhar gu beachdaidh o’n fhirinn ’Ur cleachdadh ’s ’ur n-inntinn ’bhi tual. Nach soilleir ri leughadh ’s a Bhiobull, ’S na briathraibh a sgriobhadh le Pol, Nach sealbhaich luchd-misg agus mi-ghniomh ’Chaoidh cuibhrionn an rioghachd na gloir! Gur ann a tha ’n an’ma fo ’n diteadh, ’S gu ’m bi iad gu dilinn an truaigh! ’S nach ’eil aig an corpaibh do shiochaint, Ach fhad ’s bhios iad sinte ’s an uaigh! ’S truagh gu ’m bitheadh clann-daoin’ ’Struigheadh an an’ma ’s am maoin! Nach neartaicheadh lamhan a’ chomuinn, ’S gu’n cuireadh droch obair cho faoin! Nach treigeadh os-aird ’us os-iosal Na doigheana millteach gun àgh Bha measail na latha aig Dives, ’S a threoraich na milte gu cràdh! Nach aonadh ri comunn nam fìrean, ’S an spiorad ’s am fìrinn ri ’n ceann, An caraid tha tairis ’us dileas, ’S gu suthainn nach diobair am fann. Ios, an Slanuighear caomh, Cia mor a ghradhaich an saogh’l, ’’Nuair thainig e ’shaoradh a phobuill? ’Sa dhaingneachadh Comunn nan Naomh. Oran Do Chaiptin Uilleam Siosal agus do bhuidhinn dhaoine a dh’ fhalbh leis a Strathghlais do ’n t-saighdearachd, LE DOMHNALL GOBHA. Nam bu deonach leibh m’ eisdeachd Ged a dh’ fhailnich mo gheir’ orm, So na facil a leughinn an drasd. Gu bheil sinn’ ann an solas Ged tha mnathan fo bhron dheth, ’S tha mi ’m beachd gur h-e dochas a’s fearr. Tha iads’ a caoineadh nam macan A tha triall chum an fheachda, ’S cha ’n fheil sinne gan acain ’nan càs. Ach faight’ an nall dhuinn am botull Agus gloine no copan, Gus an ol sinn an deoch s’ air an càil; ’S air slaint’ an t-Siosalich Ghlaisich, Agus olamaid as i; ’S na robh slaint’ ann sa phearsa nach tràigh. ’S am fear nach ol i gu dùbailt’, Call a dheudach ’s a shùl’ air, Gus nach leir dha mo dhùrachd-sa dha. Ach buaidh is piseach air Uilleam ’Ga shior dhion bho gach cunnart, ’S air gach duine ’chaidh bhuileachadh dha. An t-og aigeantach, priseil, ’Chuireadh sgairt fo na miltean, ’S leat am prasgan a’s finealta ’dh-fhàs. ’S beag an t-ioghnadh e ’thachairt, Oighre Chomair nam macan, Dha ’n robh foghlum is fasanan àrd. ’N am catha no comhraig Gur leat maithean Chlann-Domhnaill, Eadar Uibhist is comhnard Phort-chlàr. Tha Gleann-Garadh dhuit dileas Ann an cogadh no ’n siochaint; ’S thug Mac-Dhughill gle chinnteach ’ad phàirt. Mar sud is Clann-Choinnich, Le am brataichean soilleir, ’S thig Mac-Shimi ’nad choinnimh bho ’n Aird. Gur a h-iomad fuil uasal ’Tha ’nad bhallibh a bualadh, Nach lamh mise ’san uair ’chur os ’n aird. Bha na Siosalich ainmeil Anns gach ait am biodh fear-ghleus, Eadar criochan na h-Alba ’san Spain. Bha iad tighearnail, feilidh, Gun airce, gun eucoir, ’S iad mar leoghannan beumannach, garg. Bha iad iriosal, beachdail, Na fir ardanach, sinachdail, ’Rachadh daicheil am fasan nan arm. B’ ann de dh-fhasan nan Glaiseach A bhi ceannsgalach, tapidh, Le luths lamh gum biodh acain aig càch. Gur h-e ’n suaineas a bh’ aca, ’N àm dol sios anns na baitil, Dealbh an tuirc ann sa bhratich gun sgath. Gur h-e ’n cleachdadh bu dual daibh An am caitheamh na luaidhe A bhi bras-lamhach, cruadalach dàn. Gu ’n robh Dia ga bhur seoladh Anns gach onair an coir dhuibh, Gus an till sibh air m’ eolas an nall. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid. D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. 10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 233] [Vol. 10. No. 31. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach duinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 23, 1902. No. 31. Stuth na Beatha; NO TE DHE NA SGEULACHDAN URA. NUAIR a bha ’n saoghal òg bha stuth na beatha na laighe gu socrach sàmhach air grunnd a chuain. Bha e air a dheanamh a suas de pholl buidhe, de chriomagan mìne de chlaich-theine, agus de bhrìgh beatha. Bhiodh an doinionn ga ’ghluasad gu garbh, ga ’bhrisdeadh as a chéile, agus ga ’shuaineadh a suas na ’bhùill bheaga, chruinne. Bhiodh na critheannan-talmhainn, cuideachd, a toirt chrathaidhean doirbhe air, agus mar so a cuideachadh na doininn gu brìgh na beatha a chur air ghluasad ann. Leis gach crathadh a bha na bùill bheaga a bha dlùth do ’n chladach a faotuinn, agus le bhith a sìor sgailceadh a chéile, bha brìgh na beatha air a neartachadh cho mór annta is gun d’ fhàs iad na ’n iasgan crìona. Cha b’ urrainn iad snàmh an toiseach; ach le dìchioll is oidheirpibh, dh’ fhàs lannan is sgiathan orra, agus shnàmhadh iad gu siubhlach. Bha déidh mhór ac’ air an t-saoghal a bha os an cionn ’fhaicinn, agus gu sònruichte an ni sin a bhiodh a dearrasach air an uisge is a cur blàiths ann. Latha de na lathachan thog iad orra agus chaidh iad a suas gu uachdar an uisge. Bha iad anabarrach toilichte, agus thòisich iad air ruith ’s air leum gun sgàth, gun chùram. Nuair a bha an othail ac’ aig a h-àirde thàinig gaoth uamhasach a nuas gu h-obann mu ’n cinn, agus chuir i na tonnan gu leumnaich, slachdraich, is rànaich. Ghabh iad eagal mor agus thoisich iad ri tilleadh dhachaidh. Ach mu ’n gann a fhuair iad tionndadh, ghlac an tinneas-mar’ iad, agus chuir e gu diobhairt iad uile, ach na giomaich ’s na partain. Theab iad am mionaichean a chur am mach. Bha iad tinn da-rìreadh; ach fhuair a chuid mhor diu air ais sàbhailte. Air latha stoirm an éisg ghiulain a ghaoth beagan de leóbagan, de dh-easgannan, de phartain, ’s de dh-iasgan meanbha gu tìr, agus thilg i iad am fàsaichibh tiorma ’s an coilltibh gorma, an lochaibh glana, ’s am boglaichibh salach. Tre neart na h-ùrach agus an uisge ùir, maille ri cumhachd na gréine agus na dealanaich, ach gu sonraichte le éifeachd lagh an taghaidh nàdarra agus lagh maireachduinn an ni bu fhreagarraiche thàinig sliochd na ’n iasgan a sguabadh am mach as a mhuir, an ceann morain de lìnntibh gu bhith na ’n snàigearan, na ’n cuileagan, na ’n eoin, ’s na ’n ceithir-chasaich. Bha na losgannan a bha ann an eilein Iava anabarrach tapaidh agus teoma. Chleachd iad gach ìnnleachd a bha na ’n comas gu sliochd ùr a dheanamh agus gu fàs mór. Thainig iomadh atharrachadh air cuid diu agus b’ e deireadh a ghnothaich gun dàinig dithis diu gu bhith na ’n apannan, apa firionn agus apa boireann. Mar a thachair do Chalum a Ghlinne thachair do na h-apannan; bha iad ag iarraidh a bhith mór. Bha iad math air streapadh nan craobh, ach cha b’ urrainn iad a bheag de choiseachd a dheanamh le seasamh air an casaibh deiridh. Bhiodh iad a cur nan apannan òga air am broinn agus a saltairt orra mu na màsaibh gus mu dheireadh an do rinn iad triuir dhiu cho dìreach ri saighdear. Dh’ fhàs an triuir so gu math mór asda fein agus, mar bha cuid do ghaothairean gun tùr a deanamh an diugh, bha iad a sealltainn a sios air an sinnsre. Bha a h-aon diu firionn agus a dha dhiu boirionn. Thachair gun do chaill té dhe na apannan boirionn an t-earball, agus bhiodh an té eile ri fanaid oirre. Bha so ri aimhreit mhoir. Dh’ fhalbh an t-apa firionn agus ghearr e an t-earball dhe ’n té eile. Bhiodh iad an nis le chéile a magadh air fhein. Ghabh e an sin an sgian-chlaiche aige, agus ghearr e an t-earball deth fein cuideachd. Thainig e an nis mar chleachdadh am measg nan apannan a bhith a gearradh nan earball de na h-apannaibh òga. Bhiodh blàths mor an eilein Iava air uairean. Smaointich na h-apannan neo-earballach, no na h-apannan uasal, gum biodh e gu moran feuma dhaibh am fionnadh fhaighinn diu fein. Thug e iomadh lìnn daibh mu ’n d’ fhuair iad am mach an doigh air son sin a dheanamh. Mu dheireadh bhruich iad cairt shearbh a thachair orra agus shuath iad iad-fhein thairis is thairis leis an t-sùghadh aice. Thòisich iad, cuideachd, air an t-sùghadh so a shuathadh ri bun a chnaimh droma nuair a ghearradh iad an t-earball deth. Ann an ùine nach robh fìor fhada thoisich na h-apannan òga ri tighinn a staigh do ’n t-saoghal gun fhionnadh, gun earball. Bha na làmhan aca tuilleadh is fada leotha, ach le bhith ga ’m brisdeadh, ga ’n deanamh goirid, is ga ’n tàthadh ri chéile fhuair iad an cur anns an fhad cheart. Ach cha robh iad toilichte fhathasd. Cha bu toigh leotha na mucan, agus bha ’n ceann aca fhein gle choltach ri ceann na muice. Thoisich iad an nis air dinneadh ceann na ’n apannan òga gu cuma chruinn bhoidhich. Lean iad air an obair so greis mhóir. Chleachd iad iomadh seòrsa sùghaidh gus an ceann a chumail ceart, ach ’s i saill a mhathain agus sùgh na deanntaig air an cur am measg a chéile ni a b’ fhearr a fhuair iad. Bhiodh iad a marbhadh nan apannan òga air nach biodh ceann car mar bu mhiann leotha. Air do ’n chleachdadh so a bhith a reir lagh an taghaidh nàdarra, rinn e moran de dh-fheura daibh. Thainig beagan de na h-apannan air a cheann mu dheireadh gu bhith ann an cruth duine. Fhuair an fheadhainn so dragh mor leis an dòigh anns an robh na h-apannan òga a teachd a chum an t-saoghail. Cor uair bhiodh na h-apannan firionn gle ghann, agus air uairean eile bhiodh na h-apannan boirionn a cheart cho gann sin. Dh’ aobharraich an t-eadar-dhealachadh a bhiodh mar so ann an àireamh eadar an da sheorsa moran de chànran, de chasadh-fhiacail, is de dhortadh fala. Ma tha ’n t-suiridhe cunnartach an diugh, bha i deich mìl’ uair na bu chunnartaiche an uair ud. Chleachd na h-apannan gach ìnnleachd ’s gach cùngaidh air am b’ urrainn daibh smaointeachadh gu apannan firionn is apannan boirionn a thoirt gu bhith ann dìreach mar bu mhiann leotha; ach theap a chùis fairtleachadh orra. Gidheadh thàinig a h-uile ni gu bhith ceart ran dheireadh. Ghabh lagh an taghaidh nàdarra truas riutha agus chuidich iad. Thòisich na apannan òga an sin air tighinn a staigh do ’n t-saoghal dìreach mar a chitheadh am pàrantan iomchuidh. Cha ’n fheil fios an diugh aig duine ’tha air uachdar an t-saoghail ciamar a rinn lagh an taghaidh an ni sin; ach rinn e e. Bha moran de dh-àbhacas anns na h-apannan neo-earballach, agus bhiodh iad gle thric a magadh air na h-eoin ’s air na beathaichean ceithir-chasach. Dh’ ionnsaich iad mar sin gog bho ’n choileach, hù-hù bho ’n chailich-oidhche, mù bho ’n mhart, bó bho ’n tarbh, mè bho ’n chaora, dur bho ’n fheoraig, agus rì-rò bho ’n chat. Thòisich iad fein air deanamh fhacal ùra, agus ann an uine gle ghoirid bhruidhneadh iad siubhlach gu leoir. Bha iad an nis na ’n daoine, agus lan ullamh gu toiseachadh air an t-saoghal a thoirt a chùm an t-suidheachaidh thaitnich anns a bheil e an diugh. Bha deich muillein bliadhna eadar an latha san dainig stuth na beatha gu bhith ann agus latha stoirm an éisg; bha deich muillein bliadhna agus coig mìosan eadar latha stoirm an éisg agus latha gearradh nan earball; agus bha fichead muillein bliadhna agus da sheachduin eadar latha gearradh nan earball is latha na cainnte. A. M. S. Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. V. IAIN MOR RI CLEASACHD GHARBH ’S RI TEAGASG CIUIN—MAR A FHUAIR E DA DHEAGH EACH GUN PHAIGHEADH. CHA ’n ’eil teagamh nach robh dùil aig iomadh neach gur Iain Mór nan Ord an duine mór a chunnaic na Sasunnaich air mullach na creige, agus a dh’ fhag sinn na leithid a ghàbhadh an deireadh a cheathramh caibideal. Ach cha b’ e idir. B’ aithne do dh’ Iain Mór còir cleas no dha, agus b’e miann a chridhe an cluich air luchd nan dearg-chot’ gràineil, naimhdean a dhùthcha. Mar sin cha b’ e fhéin gu pearsanta ’chuir Iain ’sa chunnart, oir ged nach robh moran meas aig’ air na naimhdean mar chuspairean, dh’ fhaodadh peileir le tuiteamas a shnathlein a ghearradh am measg na h-uiread. Fhuair Iain da shlait air chùl na creige air na rinn e crois, ga ’n ceangal ri cheile le barr-iall a’ bhroige. Air uachdar so chuir e ’bhreacan mor fhein agus a bhonaid, air chor gu ’n robh e air faireadh, nuair a thog e air a chreig e, gu math coltach ri fuamhaire Gàidhealach. Thachair gach ni mar a bha fios aig Iain a thachradh: loisg na naoi-deug air a bhodach, is leum na Gàidheil na ’m measg le ’n claidhnean mora sgaiteach, mu ’n rachadh aca air urchair eile ’chur a stigh. An uair a chunnaic an nàmhaid nach robh aca ach dithis cha do dh’ fheuch iad ri sian a dheanamh. Chaog iad ri cheile, ’s iad a faicinn tuilleadh spors gus euchdan an latha chrùnadh. Bha buaidh shaor gu bhith aca gun teagamh. Ach cha d’ fhuair iad eòlas air claidheamh mor Iain fhathast. Gun dàil, mar an dealanach, thòisich e ri cluich, ’s an ùine ghearr dh’ fhàg e iomadh diollaid falamh. Bha Eachunn e fhein gu math guineach, is call ’athar daonnan mu choinneamh a shùilean gus neart a chur na ghairdean. Thachair gu ’n robh mar [TD 234] [Vol. 10. No. 31. p. 2] cheannard air na saighdearan Sasunnach, seargeant, do ’m b’ ainm Uilleam Bruno, maighstir claidheamh a b’ ainmeile ’bha san ann dhearg, agus a bha gu math bòsdail dha thaobh sin. Bha ’n duine da rireadh treun an coltas—mor, trom ann am bodhaig, le ceann mor air a thubhadh le mapaid chrasgaich, dhuibh de ghruaig agus de dh’ fheusaig—bha da chlàraig mhora bhuidhe, a dheanadh leaca-lighe, ga ’n nochdadh fhein na ’bheul mor gach uair a thogadh a bhilibh le feirg no le sreamadh gàire. Bha Bruno a’ cumail air chul an toiseach, gu stòlda a gabhail smoc, a smaointean nach b’ fhiach dha ’chlaidheamh a thoirt á truaill ann—ga ’m fàgail aig a chuid ghillean, o nach robh ann ach an dithis. Ach an uair a chunnaic e ’chuid shaighdearan a tuiteam cho bras ’s a cur ri bruthaich, dh’ atharraich e inntinn, agus thainig e air adhart ’s aodann air at le feirg, a mionnan dha chuid dhaoine air son teicheadh romh dhithis reubalach leibideach Ghàidhealach. Leum an leoghann garg so a nall agus le ’chlaidheamh fada guineach leon e lamh dheas Eachuinn gu goirt air a cheud ionnsuidh, ach mu ’n do thuit a chlaidheamh bàsmhor an darna h-uair bha broilleach leathann Iain Mhóir eadar e agus Eachunn òg, le ’chlaidheamh mor Gàidhealach ’ghairdean treun tàbhachdach. Sheas na ceatharnaich tacan mar so, aghaidh ri aghaidh, gach fear a faicinn gu ’n robh fiach a stàillinn mu choinneamh, agus, mar gu ’m b’ eadh, a cruinneachadh a neart gus a bhuaidh a bhith air a thaobh fhein. Labhair an Sasunnach an toiseach agus thuirt e, ’s na clàragan mora tighinn ris le magadh, “Is dìleas a sheas thu do charaid an àm fheuma, agus tha mi fhin toilichte thu bhith agam an àite ’bhalaich cuideachd, a thaobh ’s gu ’m bi fiach na saoithreach agam a tarruinn mo chlaidheamh. Ach,” ars’ esan, “aidichidh mi gur duine tapaidh thu, agus ma bheir thu suas do chuid armaibh an sith leigidh mi do bheatha leat, air chumhnant ’s gu ’m mionnaich thu air onair do mhàthar a bhi dìleas do d’ righ dligheach, Deorsa. Mar a dian thu sin faodaidh tu do chunntais fhein marbh mar tha, oir cha do thill claidheamh Uilleam Bhruno riamh dha thruaill gun a dhuine mharbhadh!” “Ma dh’ fhaodte,” ars’ an Gàidheal, ’s e caogadh a shùil ri beanntaibh garbh a dhùthchais, “gu ’m bi naigheachd eile aig Uilleam Bruno, mu ’m bi e moran na ’s sine na tha e, a chuireas ioghnadh air. Geard thu fhein!” Chuir an Sasunnach e fhein air gheard, is fiamh gàire air a’ ghnùis, ’s gun teagamh sam bith aige nach biodh e cho buadhar ’s a b’ àbhaist dha ’san Fhraing, agus na dhùthaich fhein. Bha claidheamh Bhruno na b’ fhaide na arm Iain Mhóir, ged nach robh e cho trom ri “gille glas” Iain. Rinn an Sasunnach deiseil airson a chuid innleachdan a chur an geill, is thug e ionnsuidh gharbh air a’ Ghàidheal, le cleas a b’ abhaist crioch aithghearr a chur air gach sabaid ’s na phàrtaich Bruno riamh. Ach cha deach an car so leis air an turus so, is cha d’ fhuair e fad air aghart le chleasachd an uair a thug Iain Mór siabadh uamhasach air a “ghille ghlas,” is chaidh claidheamh an t-Sasunnaich a chaitheamh fichead slat air falbh agus e fhein dusan troidh na dheigh a pògadh na duslaich. Bha e ann an sid na shìneadh, tuilleadh is mor na cheò air son ionnsuidh a thoirt air eiridh. Cha do ghabh Iain Mór còir an cothrom, cha b’ fhiach leis, air a nàmhaid na shìneadh, ach thug e brosnachadh beag dha le barr a bhròige, a cur na chuimhne, ma bha e air anail a leigeil a nis, gu ’m faigheadh e ’chlaidheamh ma bha ’n corr a dhith air. Dh’ eirich Bruno na bhreislich, is e mar gu ’m biodh ioghnadh air e bhith fhathast beò, agus sheall e gu dur air Iain Mór, a bha sìneadh a chlaidheamh dha air fhaobhar. “Aidichidh mi mi-fhin air mo bheatadh,” ars’ esan; “b’ fhearr leam a bheithir a thighinn na m’ luib na siabadh eile dhe do chlaidheamh. Ach cha ’n ’eil mi idir a tuigsinn c’arson a leig thu mo bheatha leam ’s i na d’ laimh? Bha mi smaointean riamh agus a cluinntinn gu ’n robh na Gàidheil borb, aineolach, ’s nach robh truas no iochd na ’n cridheachan, ach tha mi faicinn gu ’n robh mi air mo mhealladh, ma tha ’bheag dhiubh cho trocaireach riutsa.” “Bha thu gu mor air do mhealladh gun teagamh,” ars’ an Gàidheal, “agus tha fios agam glé mhath gu ’m bheil am beachd sin a thaobh nan Gàidheal aig do luchd-dùthcha. Cha ’n ’eil na Gàidheil gu leir nan ainglean, gun teagamh, ach mar dhaoine, agus mar shluagh, agus gu h-àraidh mar shaighdearan tha e furasda gu leor dhut an coimeas ri saighdearan do dhùthcha fhein o’n a thòisich an cogadh so. Chunnaic thu na saighdearan Gàidhealach buadhmhor a dol a stigh gu cridhe do dhuthcha fhein. Cha robh mallachd bhantraichean no dhilleachdain na ’n deigh, oir cha do thoill iad e. Ma bha biadh no goireas sam bith eile ’dhìth orra air an t-slighe dh’ iarradh iad e le modh, agus na ’m b’ urrainn iad phàigheadh iad air a shon. Ach am faod thu sin a radh a thaobh muinntir do dhùthcha fhein, o’n a thionndaidh a bhuaidh iomlan air an taobh? Tha ’n gniomh uasal, duineil anns an d’ fhuair sinn thu fhein ’s do cheatharnaich, a toirt a ghreim a theannachdadh iad á beul nam pàisdean neo-chiontach—a toirt air falbh le neart aona mhart nan truaghan—tha e na shamhladh nach ’eil moran agaibh ri mhalairt an Sasuinn de thruacantas, no de dh’ iochd, no subhailcean a bha sibh cho cinnteach a bhith cho gann ’s a Ghàidhealtachd, agus cho fior phailt agaibh fhein.” Dh’ fhas aodann Bhruno na bu deirge, na ’n gabhadh sin a bhith, ach cha dubhairt e diog, agus a breith air a chlaidheamh á laimh Iain, chuir e ri ghlùin e ’s rinn e da leith air, ’s chaith e bhuaithe e fad a laimhe am measg nan creag. Leig Iain Mór air falbh e na bu ghlice na fhuair e e. Agus a tionndadh chunnaic e gu ’n robh Eachunn air an làr gu fann le call fola, agus gu mor am feum cuideachaidh. Thainig a nis am boirionnach bochd da ’m buineadh am mart air adhart, agus i ’guidhe mìle beannachd air an cinn gu bràth, agus soirbheachadh le ’n cloinn gu deireadh an t-saoghail ’s na dheigh. Cheangail iad lot Eachainn, agus le iomadh “gràdh” is “eudal” o’n mhnaoi bhochd (oir bha Eachunn na òganach tlachdar do ’n t-sùil) fhuair iad e le cuideachadh gairdean a charaid gu bothan a bhoirionnaich. An uair a rainig iad bha chaileag bheag, ’s a gruaidh thana, bhàn a dearrsadh le toileachadh, s a da laimh mu amhaich “Ciaraig” aig an dorus. Thug aon sealladh dhi air Iain Mór e-fhein a chunntais gle shona le ’obair. Fhuair iad a h-athair gu sàmhach a sileadh nan deur, a thaobh a laige fhein, air leabaidh bhig ri taobh an teine, as nach robh e ro choltach gu ’n eireadh e gu bràth. Ghabh Iain truas mor ris an teaghlach bhochd so agus chuir e roimhe, o’n a bha h-uile coltas gu ’n tigeadh orra fuireach maille riutha àireamh làithean, nach cailleadh iad dad ri linn iad a thighinn an rathad. Bha ’n t-àite car uaigneach agus fàsail, ’s na dheagh àite seilge, ’s mar sin o’n a bha Iain na dheagh shealgair, bha iad gu math sòghail, ròiceil o latha gu latha, agus rud a thug toileachadh mor dhaibh uile, thòisich fear an taighe ri eirigh, is thòisich neart ri tighinn ’s na féithean as an dug an tinneas an tùs a bhrigh, agus a bha ghort’ air thuar a chur fo ’n fhòd romh ’n àm. Mar a dh’ ainmicheadh bha ’n t-àite fàsail, fiadhaich, far nach taghladh duine ach uair ainneamh eadar da cheann na bliadhna, ach air a shon sin, cha robh oisean an Alba bha gun sùil nàmhaid fad nan àmannan garbha so. Mar sin bha ’n sealgair a cumail a dha shùil fosgailte air a chuairtean. Air aon latha chaidh e na b’ fhaide air falbh na b’ àbhaist da, agus air dha uchdach chas a dhireadh gus sealladh fhaighinn air a chomhnard a bha os a chionn, thainig e direach aghaidh ri aghaidh ri dithis thrupairean meara Sasunnach. Ghabh iad ioghnadh nach bu bheag taobh air thaobh, ach dh’ aithnich iadsan gle mhath co bh’ aca, oir bha coltas Iain Mhóir air a chraobh-sgaoileadh am measg a naimhdean, agus airgiod cinn as—suim mhath do dh’ fhear a ghlacadh e marbh no beò. Bha Iain air inntinn a dhèanamh suas, le aont’ Eachuinn, gu ’m fàgadh iad slàn aig muinntir a bhothain air an ath latha, ach bha e ’sam àm ag ionndrainn gu mor nach robh da each aca air son gluasad cho math ris na nàimhdean sòghail a bha salach tir an fhraoich le ’n làthaireachd. “’S e am fortan a chur an rathad sibh!” ars’ Iain ris fhein, agus bha nan Sasunnaich a smaointean a cheart ni aig an àm, agus a nuas leum iad as an diollaidean, is rinn iad airson an Gàidheal a ghlacadh. Thionndaidh Iain Mór ’sa mhionaid, ’s ma b’ fhior eagal an uilc air, ’s chaidh e á sealladh sios am bruthach. Leum na trupairean sios, fear air gach taobh, is iollach ait na seilg na ’m beoil, air son gearradh romh ’n reubalach. Bha bruadair bhoillsgeach ag eirigh suas na ’n inntinnean abhachdach, anns an robh iad a faicinn an duais air a cosnadh—staid fearainn ’sa Ghàidhealtachd, agus cinnteach gu leor tiotal na cois. A dh’ aon fhacal bha iad a’ faicinn an arain fuinte gu bràth. Sid sios a ghabh iad le sitheadh uamhasach, agus sid suas Iain thun nan each, ’s e call a luis a gaireachdaich, mu ’n do thàrr iad dol á sealladh, oir cha do rinn e ach crubadh an sgor creige lamh riutha, gus an deanadh iad mar a rinn iad. Leum e gu sunndach leis an t sealg air muin an eich bu choltaiche, a ceangal an fhir eile ri shrein, is ghluais e gu socair air falbh. Chual’ e glaodh fheargach na dheigh, ’s a tionndadh chunnaic e gu ’n robh na trupairean air tilleadh, ’s an anail na ’n uchd, ’s iad, mo chreach, ga ’m breabadh fhein leis a mhi-chiataibh. Thòisich iad an sin air cuiridhean fialaidh a chaitheamh air Iain, e thilleadh ’s gnothuch aca ris, ’s nach robh math dhaibh innseadh dha ach ann an cagar, ’s o nach deanadh e sin, thòisich drannadh nam fiaclan is maoidheadh nan dorn. Thog Iain Mór a bhonaid ghorm is rinn e umhlachd mhagaidh dhaibh, is thill e ceum na b’ fhaisge, ach thug e ’n aire cumail astar sàbhailte o na seann mhosgaidean aca. Ghlaodh e riutha ’n e eich a bh’ air chall orra—de ’n dath a bh’ orra—’s co dhiubh bh’ ann eich no capuill? Dh’ innis e ’n sin dhaibh (’s e air an cluinntinn ma b’ fhior a freagairt nan ceistean so) gu ’m fac’ esan an dearbh choltas o chionn ùine ghearr, agus da asal òga na ’n cuideachd—gu ’n dug na h-asail ri bruthach an uair a chunnaic iad esan, ach gu ’n robh e smaointean, mur an robh sgàthan ac’ air an siubhal, gu ’m faiceadh iad an coltas’s a cheud lòn glan anns an sealladh iad. Bha na Sasunnaich air an gonadh, ’s iad air an cuid luaidhe ’s fùdair a chosg, a bharr air gach facal bu mhiosa na cheile na ’n cànain. Mu ’n do dh’ fhàg Iain iad, bha e tairgse dhaibh an da each bhòidheach a bh’ aige so an nasgaidh, na ’n rachadh aca fhein air breith orra. Sheall e dhaibh cho math ’s a leumadh iad, ’s cho aotrom ’s a dh’ fhalbhadh iad, ’s cho riomhach, bòidheach ’s a bha na diollaidean ’s gach ball mu ’n cuairt daibh. “Agus rud is fhearr na sin uile,” ars’ Iain, “bha iad riamh thun an diugh fhein eolach air cuideachd nan [TD 235] [Vol. 10. No. 31. p. 3] asal. Ach ’s fheudar dhomh latha math fhàgail agaibh, ’illean; tha mi ’faicinn nach gabh sibh tairgse mhath ’nuair a gheibh sibh i. Ach na deanaibh dearmad air beannachdan a thoirt uamsa gu Bùidsear Chumberland, agus innsibh dha, uair sam bith a bhios each math aige ri sheachnadh gu bheil fios agaibh fhein c’ àit am faigh e margadh dha!” Le so a radh thog Iain Mór a bhonaid a rithist, ’s a cur spuir ris an each dh’ fhàg e latha math aig na Sasunnaich. Gu math moch air an ath mhadainn bha na fir na ’n diollaidean riomhach, air an rathad do ’n Ghleann Ghorm, seann dachaidh Iain Mhóir. Bha iad a’ gabhail gach rathaid a b’ aonaranaiche na cheile, a bhàrr air a bhith ’cumail sùil gheur am mach, oir bha iad a smaointean gu ’m biodh an tòir teith a thaobh each nan Sasunnach. Rainig iad mu dheireadh baile beag àraidh, far na reic iad na h-eich air deagh shuim, oir cha deanadh iad feum dhaibh tuilleadh tromh ’n mhonadh gharbh Ghàidhealach a bha eadar iad ’s an Gleann Gorm. Ghabh iad gu sunndach an casan luthmhor fhein; agus faodar a radh gu ’n robh leith dhòchas aig Eachunn gu ’n glacteadh a rithist iad, feuch am faiceadh e aon sealladh eile de Mhaili na h-Uamha. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL. CAIB. XVII. CHUIR an connsachadh a bha eadar Mesrour agus a’ bhanaltrum ioghnadh gu leor air an righ. An deigh dha ’bhith greis a’ smaointean air a’ chuis, cha robh fhios aige ciod a theireadh no ’smaoinicheadh e. Bha a’ bhanrigh i-fhein, cho math ri Mesrour agus ris a’ bhanaltruim, agus mar an ceudna na mnatha-coimhideachd ’nan tosd, agus iad gu mor ’nam breislich mu ’n chuis. Mu dheireadh thuirt an righ ri Sobaide: “Tha mi ’faicinn gle mhath gu ’m bheil sinn uile breugach; mi fhin an toiseach, an sin thu fhein, a Mhesrour, agus thusa, a bhanaltrum; oir air a’ chuid a’s lugha, tha e coltach leamsa nach urrainnear a h aon dhinn a chreidsinn air thoiseach air an aon eile. Air an aobhar sin, rachamaid gu leir do ’n taigh aig Abon Hasan feuch am faigh sinn am mach bonn na firinn , oir cha ’n ’eil mise ’faicinn doigh sam bith eile air a’ chuis a shocrachadh gu ceart. An uair a thuirt e so, dh’ fhalbh e fhein agus a’ bhanrigh, agus dh’ fhalbh Mesrour rompa gus an dorus fhosgladh dhaibh. “A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Mesrour, “tha aoibhneas ro mhor orm a chionn gu ’m bheil bhur morachd a’ gabhail na doigh so air fios ceart fhaotainn mu ’n chuis; agus bidh am barrachd aoibhneis orm, an uair a bhios e air a dheanamh soilleir do ’n bhanaltruim, cha ’n e gu ’m bheil i air a dhol anns an treas ceill, o ’n a tha mo dheadh bhanamhaighstir an aghaidh dhomh so a radh, ach nach ’eil an sgeul a thug i thugaibh fior.” Bha freagairt deas gu leor aig a’ bhanaltruim. Thuirt i ris: “Duin do bheul, a bhodaich dhuibh, ghrannda; tha thu fhein air a dhol anns an treas ceill.” Bha Sobaide air a brosnachadh cho mor leis na briathran a labhair Mesrour ris a’ bhanaltruim ’s nach b’ urrrainn i gun a taobh a ghabhail. “A thraill thruaillidh,” ars’ ise, “abair na thogras tu, ach tha mise cinnteach gu ’m bheil a’ bhanaltram ag innseadh na firinn, agus gu ’m bheil thusa ’g innseadh nam breug.” “A bhaintighearna,” fhreagair Mesrour, “ma tha ’bhanaltrum cho fior chinnteach gu ’m bheil Noushatal beo, agus gu ’m bheil Abon Hasan marbh, cuiridh mise geall sam bith a thogras i rithe gu ’m bheil i fada, fada cearr.” Bha ’bhanaltrum a cheart cho deonach an geall a chur ’s a bha Mesrour fhein, agus thuirt i ris: “Tha mise gad ghabhail aig d’ fhacal, faiceam gu ’n seas thu ris.” Sheas Mesrour ri ’fhacal; agus chuir iad bonn oir, agus pios de shioda srianach air a’ gheall an lathair an righ ’s na banrigh. Bha ’n seomar as an d’ thainig an righ agus a’ bhanrigh am mach astar o ’n taigh aig Abon Hasan, ach bha e direach m’ a choinneamh, agus thug Abon Hasan an aire dhaibh a’ tighinn. Agus thuirt e ris a’ mhnaoi gu ’n robh e gu mor air a mhealladh mur ann a’ tighinn far an robh iad a bha ’n righ ’s a’ bhanrigh, agus Mesrour ’s na mnathan-coimhideachd. Sheall i ’mach troimh ’n uinneig, agus chunnaic i iad a’ tighinn. Ged a dh’ innis Abon Hasan dhi roimhe sid gu ’n robh iad a’ tighinn, ghabh i eagal an uair a chunnaic i iad, agus ghlaodh i ’mach: “Ciod air an t-saoghal a ni sinn? Tha sinn caillte.” “Na biodh eagal sam bith ort,” ars’ Abon Hasan; “an do leig thu as do chuimhne mar tha na dh’ aontaich sinn a dhèanamh? Leigidh sinn oirnn le cheile gu ’m bheil sinn marbh, agus chi thu gu ’n teid a h-uile cuis air aghart ceart gu leor. Tha iad a’ tighinn le ceum cho mall ’s gu ’m bi sinn deiseil mu ’n tig iad thun an doruis.” Mar sin, chomhdaich Abon Hasan agus a bhean iad fhein anns an aodach shioda a thug an righ ’s a’ bhanrigh dhaibh, agus dh’ fheith iad gu foighidneach gus an d’ thainig an righ ’s a’ bhanrigh, agus na bha ’nan cuideachd. Bha Mesrour air thoiseach, agus dh’ fhosgail e an dorus agus bha ’n righ ’s a’ bhanrigh, agus na mnathan-coimhideachd a steach air a shail. Ach bha ioghnadh anabarrach mor orra, agus sheas iad far an robh iad, an uair a chunnaic iad an sealladh muladach a bha rompa. Cha b’ urrainn daibh a’ chuis a thuigsinn idir. Mu dheireadh labhair Sobaide, agus thuirt i ris an righ: ‘Ochan! tha iad marbh le cheile! Rinn sibh na b’ urrainn duibh,” ars’ ise ’s i ’g amharc air an righ, agus air Mesrour, “gus a thoirt ormsa ’chreidsinn gu ’n robh mo shearbhanta marbh, agus tha mi nis a’ faicinn gu ’m bheil e fior gu leor. Thug am bron a bh’ oirre air son bas a fir am bas oirre. “B’ fhearr dhut a radh,” ars’ an righ, agus e air a’ chaochladh so de bheachd, “gu ’n d’ fhuair Noushatal bas an toiseach, agus gu ’n d’ fhuair Abon Hasan bas leis a’ bhron a bh’ air an uair a fhuair a’ bhean ghaoil bas. Tha coir agad, air an aobhar sin, ’aideachadh gu ’n do chaill thu ’n geall, agus gur leamsa luchairt nan dealbhannan.” “Dean air do shocair,” arsa Sobaide, agus i ’fas blàth a chionn gu ’n robh an righ a’ cur ’na h-aghaidh; “tha mise ’cumail am mach gu ’n do chaill thusa do gharadh maiseach. Fhuair Abon Hasan bas an toiseach, o ’n a dh’ innis araon a’ bhanaltrum agus mise dhut gu ’m fac’ i beo i agus i ’caoidh gu goirt air son bas a fir.” Thug an connsachadh a bha eadar an righ ’s a’ bhanrigh air Mesrour ’s air a bhanaltruim toiseachadh ri connsachadh a rithist; oir chuir iad geall mar an ceudna, agus bha esan, mar a bha ise, ’cumail am mach gur e a bhuinig an geall. Agus mu dheireadh thainig iad gu bhith ’caineadh ’s a’ smadadh a cheile gu searbh. Mu dheireadh thoisich an righ ri smaointean gu ’n robh a’ cheart urad de choir aig Sobaide air a bhith ’cumail am mach gu ’n do bhuinig i an geall ’s a bh’ aige fhein. Air dha ’bhith gun fhios aige ciod a theireadh no ’dheanadh e gus an fhirinn fhaotainn am mach, ghabh e far an robh an da chorp ’nan sineadh, agus shuidh e aig an ceann, agus thoisich e ri smaointean ciod an doigh leis am faigheadh e buaidh air Sobaide. Ann an uine ghoirid thuirt e: “Tha mi toirt mo mhionnan air ainm Dhe gu ’n toir mi mile bonn oir do neach sam bith a dh’ innseas dhomh co dhe ’n dithis a fhuair bas an toiseach.” Cha bu luaithe ’labhair an righ na briathran so na chual’ e guth Abon Hasain fo ’n aodach shioda, ag radh: “A Cheannaird nan Creidmheach, is mise ’fhuair bas an toiseach; thoiribh dhomh am mile bonn oir.” Aig a’ cheart am thilg Abon Hasan dheth an t-aodach sioda, agus leig e e-fhein ’na shineadh aig casan an righ. Leig a bhean i-fhein ’na sineadh mar an ceudna aig casan na banrigh. Leig a’ bhanrigh a leithid de sgriach aisde an uair a chunnaic i an te shaoil leatha ’bha marbh ag eirigh ’s gu ’n do chuir i eagal air gach aon a bha mu ’n cuairt dhi. Ach mu dheireadh an uair a dh’ fhalbh an t-eagal dhi, bha aoibhneas mor oirre an uair a chunnaic i an t-searbhanta air an robh meas cho mor aice, beo a rithist, an deigh dhi ’bhith ’n duil gu ’n robh i marbh. “Ah! ’Noushatal aingidh,” ars ise, “nach mor a dh’ fhuiling mi air do sgath? Ach air a shon sin, tha mi ’toirt mathanais dhut le m’ uile chridhe, o nach ’eil thu marbh.” Cha robh urad a dh’ ioghnadh air an righ an uair a chual’ e guth Abon Hasain. Cha mhor nach robh e marbh leis a’ ghaireachdaich an uair a thuig e mar a bha cuisean, agus a chual’ e Abon Hasan ag iarraidh a’ mhile bonn oir. “Ciod is ciall dha so Abon Hasain,” ars’ esan; “am bheil thu ’n dara uair a’ feuchainn ri m’ mharbhadh le gaireachdaich? Cia mar a smaoinich thu air a leithid so de chlisgeadh a chur air a’ bhanrigh agus ormsa, an uair nach robh smaointean sam bith againn air a leithid? “A Cheannaird nan Creidmheach,” fhreagair Abon Hasan, “aidichidh mi gu saor, soilleir an fhirinn do bhur morachd. Tha fhios aig bhur morachd gle mhath gu ’m bu toigh leamsa riamh am pailteas de bhiadh agus de dheoch mhath a ghabhail, agus is ann a mheudaich a’ bhean a thug sibh dhomh an toil a bh’ agam a bhith ’caitheamh mo bheatha gu soghail. Anns an t-suidheachadh so, faodaidh bhur morachd a thuigsinn gu ’n robh sinn a’ deanamh cosgais mhor. Agus gu sgeula goirid a dheanamh dheth, cha robh caomhnadh sam bith againn air na thug bhur morachd gu caoimhneil dhuinn. Anns a’ mhadainn an diugh an uair a phaigh sinn a’ chunntais a fhuair sinn o ’n fhear o ’n robh sinn a’ ceannach a h-uile rud a bha sinn a’ cosg, fhuair sinn am mach gu ’n robh sinn lom, falamh. An sin thoisich sinn ri smaointean air mar a bha sinn a’ caitheamh ar beatha ’s an am a dh’ fhalbh, agus ri cur romhainn gu ’m biomaid na bu ghlice ’s an am ri teachd. Ged a smaoinich sinn air mile doigh, thuig sinn nach deanadh a h-aon dhiubh feum sam bith. Mu dheireadh, leis an naire ’bha oirnn sinn-fhin fhaicinn ann an suidheachadh cho iosal, agus o nach bu dana leinn ar staid a leigeadh ris do bhur morachd, ghabh sinn an doigh charach so gus sinn-fhin a thoirt as an eiginn anns an robh sinn, agus gu ceol-spors a thoirt dhuibhse; agus tha sinn an dochas gu ’m bi bhur morachd cho math ’s gu ’n toir sibh mathanas dhuinn.” Bha ’n righ ’s a’ bhanrigh gle riaraichte leis mar a dh’ innis Abon Hasan an fhirinn dhaibh, agus cha robh iad duilich air son mar a thachair. Mu dheireadh thoisich Sobaide fhein ri gaireachd- (Air a leantuinn air taobh 238.) [TD 236] [Vol. 10. No. 31. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi an a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, MAIGH 23, 1902. Righ Og na Spaine. THAINIG Alfonso, righ òg na Spaine, dh’ ionnsuidh a’ chrùin Di-sathairne s’a chaidh. Air an latha sin bha e sia bliadhn’ deug a dh’ aois, an aois aig am bheil lagh na dùthcha sin a ceadachadh do righ an riaghladh a ghabhail na ’laimh fhéin. Chaochail ’athair anns a bhliadhna 1886, sia miosan mu ’n d’ rugadh esan, agus bha a mhàthair a riaghladh riamh uaithe sin. Nochd i gleusdachd is tuigse nach bi bheag mu chùisean na rioghachd. Tha Alfonso na ’bhalach nach eil e ro làidir, air am bi cùram stàite buailteach air laidhe ro-throm. Ach cha ’n eil fhios nach ann a dh’ fhàsas e ann an neart mar a dh’ fhàsas e ann am bliadhnaichean; agus cuiridh e feum air uile neart ’s air uile thuigse. Tha an Spàin na ’dùthaich a tha gle dhoirbh a cumail aig riaghailt. Cha ’n ’eil guth ro chudthromach aig an t-sluagh anns an riaghladh, agus tha moran dhiubh bochd nan crannchur agus mi-riaraichte. Mu’n “Mhac-Talla” MAR a dh’ fhaodar fhaicinn anns an àireamh so ’s anns an àireamh roimpe, tha cuid de ar leughadairean air-son fhaotainn a mach c’uin a thòisicheas am paipeir ri bhith ga ’n ruigheachd uair ’san t-seachdain. Bhitheamaid gle dheònach sin innse dhaibh, ach cha ’n urrainn dhuinn, oir cha ’n eil fhios againn fhein air. Cha b’ ann gun deagh aobhar a sguir e bhi tighinn a mach uair ’san t-seachduin, agus fhad ’s a mhaireas an t-aobhar sin cha ’n urrainnear a chur a mach ach mar a thatar a’ deanamh aig an àm so, uair ’san da sheachduin. Agus cha ’n eil e na ’r comas-ne an t-aobhar sin a chur as an rathad—ach tha e an comas ar leughadairean. Is e ’n t-aobhar a th’ ann nach eil an àireamh a tha ga ’ghabhail mor gu leòr. Air-son am paipeir a chur a mach uair ’san t-seachduin cha b’ uilear àireamh an luchd-gabhail a dhùblachadh. Na ’n deanadh iadsan uile tha cheana ga ’ghabhail beagan dichill, dh’ fhaodadh an àireamh a bhi choig uiread ’s a tha i mu ’n ruitheadh da mhios dhe ’n t-samhradh so. Ach cha’n iarr sinn orra an uiread sin a dheanamh; bheir sinn gealladh dhaibh, cho luath ’sa bhios àireamh an luchd-gabhail a dha uiread ’s a bha i air a Bhealltainn so gu’n tòisich MAC-TALLA ri tighinn a mach uair ’san t-seachduin. Na ’s fhearr na so cha’n urrainn duinn a ghealltainn. Tha sinn deònach na tha na ’r comas a dheanamh, ach feumaidh na Gàidheil an tuilleadh comais a thoirt dhuinn ma tha iad air-son MAC-TALLA fhaicinn cho tric ’s bu mhiann leò. Agus mur dean iad sin, tha sinn an dòchas nach bi iad a’ faotainn coire dhaibhsan a tha air chùl a phaipeir ’s ga ’chumail air adhart air sgàth an gràidh do chainnt an sinnsir. “Am Mise Fear-gleidhidh Mo Bhrathair?” NACH eagalach an obair a th’ aig fear-cumail taigh-òil, ’s gu seachd sonruichte ’nuair a tha e ’creic an stuth mhallaichte ri gillean òga? Ma dh’ fhaodte (agus tha e tachairt gu tric) ’nuair a gheibh gill’ òg gòrach a’ phàigheadh an ceann na seachduin, gur e ni e r’a thuarasdal a chosg ann an deoch-làidir, an àite a thoirt dhachaidh gu ’pharantan. Gu dearbh is bochd an obair e! duine mor calma a’ creic an stuth theinntich fhad ’s a mhaireas airgiod an amadain bhochd a tha sgrios a chuirp is anama, airson ana-miannan aingidh a shàsachadh. Is muladach, da rireadh, na tha de mhisg a dol air adhart ’s a bhaile so. Cha ’n ’eil latha dol seachad anns nach ’eil àireamh bheag no mhor ’s a phrìosan air sàillibh an òil, agus, mo thruaighe, gillean òga am measg chàich! Na ’m biodh mac aig fear an taigh-òsda a bhiodh trom air an òl, an toireadh esan an deoch dha ’mhac, ga ’chur an cunnart prìosan? ’S e nach toireadh. Agus c’arson a tha e ga ’chreic ri gillean òga eile? a’ toirt bristeadh-cridhe air am pàrantan, agus masladh air an fheadhainn a tha ris. Tha e gu tric a tachairt, nuair a tha am misgear an deigh gach sgillinn a’ chosg, gu ’m bheil e air a thilgeadh am mach thun na sràide, agus mur a tachair caraid ris a bheir dhachaidh e dùisgidh e air an ath mhaduinn ’s a phrìosan, am measg a leithidean fhein, a dh’ fhaodadh a bhi na ’n onair dhaibh fhein ’s dha ’m pàrantan na ’n stadadh iad gu bràth dhe ’n mhisg, a tha air a dhìteadh anns an Leabhar Naomh ann am briathran cho laidir. Tha sinn an dòchas nach ’eil an latha fad as anns am feum luchd-cumail thaighean-òil, gu b’ oil le ’n cridhe, stad a chreic stuth làidir, ri gillean òga, co dhiubh. Cha ’n ’eil an lagh a ceadachadh a chreic. C’arson, air an aobhar sin, nach ’eil muinntir a bhaile nach ’eil a’ blasad air, ag eiridh suas ’s a cur stad air. Le dichioll agus furachas dh’fhaodte am baile ’ghlanadh gus nach biodh, an ùine ghoirid, aon taigh-òil ann, agus bu shona an latha sin do iomadh dachaidh a tha ’n diugh na h-ionad-bròin. “Is an-aoibhin dhasan a tha ’toirt air a choimhearsnach òl, a tha cur ris a’ chopain, agus ga ’chur air mhisg.” Beanntan Teine. CHA bhiodh e as an rathad aig an àm so, an deigh an sgrios eagalaich a rinneadh ann an Innsibh na h-Aird-an-iar, gearr iomradh a thoirt air beanntan teine a tha ’n caochladh chearnan eile dhe ’n t-saoghal. Chuala sinn uile mu bheinn Bhesubhius, agus mar a sgriosadh bailtean Herculaneum agus Pompeii leatha annsa bhliadhna 79. Bheir sinn cunntas mionaideach air a’ bheinn sin do ar leughadairean aig àm eile, agus aig an àm so bheir sinn seachad beagan fiosrachaidh mu bheanntan iomraiteach eile. Tha Beinn Etna deich mìle agus ochd ceud troidh (10,800) air àirde. Faodar a smaointeachadh gur beinn mhòr i so, ’n uair a chuimhuicheas sinn nach ’eil Beinn-Nibheis ach ceithir mìle, tri cheud, agus seachd deug is dà fhichead (4, 357) troidh air àirde; agus tha Etna naoi fichead mìle mu’n cuairt d’a bonn. ’Nis, tha a’ bheinn mhòr so gu léir, eadar a bun ’s a bàrr, air a deanamh suas de lava, mar their iad ris anns a’ Bheurla; ’s e sin stuth a thilg a’ bheinn os a eeann de ’n stuth a bha aon uair loisgeach, teinteach, agus a thilg i an uachdar anns an staid sin, a dh’ fhuaraich ’s a chruadhaich m’a timchioll, agus a tha ’sìor fhàs na ’s mò mar tha i ’tilgeadh a mach brat ùr thairis air an t-seann rùsg. Ge mòr beinn Etna, agus ge mòr na tha i ’tilgeadh ’an uachdar de stuth loisgeach, teinteach, cha ’n ’eil i mar choimeas ri beinn loisgich eile ’tha ann an eilean Iceland. Bhrùchd a’ bheinn so a mach aon uair sruth loisgeach a ruith sios air gach taobh dh’i ’n a thuiltean dearga, teinteach, a lìon clais no gleann mòr, anns an robh abhainn air an seòladh loingeis, agus ann an tiota thiormaicheadh an t-uisge, agus lìonadh suas amar na h-aibhne agus an gleann sè ceud troidh air doimhneachd, agus eadar a dhà ’s a trì ’cheudan troidh air leud! Agus cha ’n e sin uile, ach ghabh an sruth loisgeach so air adhart gus an d’ ràinig e loch mòr uisge, a lìon e suas gu buileach, gus an robh e mar chòmhnard, no mar fhaiche iaruinn. Fad dà bhliadhna bha ’n tuil loisgeach so a’ sruthadh le leathad o mhullach na beinne: thugadh lom-sgrios air leth-cheud baile, agus bhàsaich deich mìle pearsa anns an tuil uamhasaich so, a bharrachd air anabarr spréidhe agus feudalach de gach seòrsa. Bha na h-aibhnichean siubhlach, dearg-loisgeach a bha ’ruith sios air cliathach na beinne, cuid diubh leth-cheud mìle air fad, agus mu thuaiream dà-mhìle-dheug air leud: ann an doimhneachd bha ’n sruth eagalach so ceud troidh far am bu taine e, agus ’an cuid a dh’ àiteachan sè ceud troidh air doimhneachd. Tha cunntas againn air mu thimchioll dà cheud de bheanntan teine, a tha, no ’bha o cheann linn no dha, a’ losgadh. Tha dhiubh so trì-deug ’s an Roinn-Eòrpa; ochd is tri fichead ann an Asia; deich ann an eileanaibh Africa; agus còig fichead ’s a naoi ann an America; bha dhiubh so mu thuaiream da mhìle ’brùchdadh no ’bristeadh a mach anns gach ceud bliadhna, no fichead anns gach bhliadhna. Ann an teis-meadhoin Asia, ann an Innsibh na h-Aird-an-ear, tha dùthaich anns am bheil farsuingeachd da mhìle gu leth de mhìltean (2500), araon air fad agus air leud a bha a h-uile mìr dheth aon uair fo chumhachd teine de ’n t-seòrsa so, ged tha ’nis fearann is fonn ann air am bheil feur agus luibhean is coille gu pailt a’ fàs, cho tarbhach ri aon chearn de ’n t-saoghal. Tha beinn ann an America mu dheas, ann an tìr Mhecsico, a dh’ éirich suas ann am meadhon dùthcha chòmhnard, réidh, sè-ceud-deug troidh air àirde os ceann a’ chòmhnaird, agus an sin rinn i bristeadh a mach ’na lasraichean. Spùt i ’mach stuth loisgeach a lom-sgrios an dùthaich a bu tarbhaiche ’tha air aghaidh an t-saoghail. Thachair so anns a’ bhliadhna 1759, ’s e sin ceithir bliadhna-deug ’an déigh bliadhna Thearlaich. Tha fear-turuis cho measail ’s a sgriobh leabhar riamh, Humboldt, ag innseadh dhuinn gu ’n robh esan aig bun na beinne so fichead bliadhna ’n deigh dh’i éiridh suas, agus gu ’m fac’ e aon tuil a thàinig a nìos mar a chì sinn gaineamh aig bun sgrìodain, a bha ceithir mìl’ air fad, agus sè ceud troidh air doimhneachd. Bha am meall so teth fichead bhliadhna ’n déigh dha ruith a mach; cha robh àit’ anns an cladh-aicheadh e toll nach faodadh e maide ’losgadh agus teine ’fhadadh.—Bhrùchd a’ bheinn so a mach o cheann cheithir fichead bliadhna, aig àm crith-thalmhainn mhòir a tharruing frasan de luaithre air baile mòr a tha dlùth do dha cheud mìle o’n àite, a bha sè òirlich ’an tiughad air na sràidibh. [TD 237] [Vol. 10. No. 31. p. 5] Sgrios Uamhasach. Thainig sgrios uamhasach agus obann air eilean Martinique, ’sna h-Innsean an Iar, air madainn an ochdamh latha dhe ’n mhios so. Buinidh an t-eilean so do ’n Fhraing, agus tha mu naodh fichead mile sluaigh ann. Is daoine dubha ’s Innseanaich a mhor chuid dhiubh. Tha beinn theine air an eilean ris an canar Mont Pelee, ach cha do bhrist i mach roimhe so a chionn còrr is leth-cheud bliadhna. Tha a bheinn so dlùth air coig mile ’s coig ceud troigh a dh’ àirde, agus aig a bonn, ri taobh na mara, bha ceanna-bhaile ’n eilein, St. Pierre, anns an robh mu dheich mile fichead sluaigh. Mu thoisich a’ mhios so, thòisich a bheinn ri tilgeadh suas toite ’s luaitha, ach cha dainig i gu bhi ro dhona gu maduinn Dior-daoin, an t-ochdamh latha, nuair a rinn i spraidheadh uamhasach, a brùchdadh suas teine, smùid, luath is poll, a sguab thairis air a bhaile, ’s a chuir gu bàs gu ire bhig gach neach dhe ’n deich mile fichead a bha. chòmhnuidh ann. Bha àireamh de shoithichean air acair mu choinneamh a’ bhaile, agus bha ’n cuan air a-chur troimhe cheile na ’leithid de dhòigh ’s gu’n deach an cur thairis, ’s bha iad fein ’s a mhor chuid de na daoine a bh’ orra air an call. Air bòrd aon dhiubh bha an Caiptean A. T. Muggah, a mhuinntir Shidni; chaill esan a bheatha maille ris a chuid mhor de’n sgioba bha fodha. Bha an t-athar air a lionadh le ceò ’s le luath air dhòigh ’s gu robh tiugh dhorchadas ann. Cha do mhair an stoirm uamhasach ach gann fichead mionaid, ach anns an uine sin, bha gach tigh anns a bhaile air a leagail ’s air a losgadh, agus cha d’ fhuair as le ’m beatha ach àireamh gle bheag dhe ’n t-sluagh. Tha daoine rainig St. Pierre dha no tri de lathaichean an deigh an spraidhidh ag radh gu ’m b’ e sealladh cho uamhasach ’s a b’ urrainn do dhuine fhaicinn. Bha làraichean nan taighean ’s nan togalaichean eile a’ sior ghabhail, agus bha fàileadh losgaidh is breòthaidh nan corp a lionadh an àite. Anns a’ bhaile agus faisg air bha ’m poll ’s an luath a shruth o’n bheinn àireamh throighean a dhoimhnead, agus an ceann eile ’n eilein, cunntas mhìltean air falbh, bha ’n talamh air a chòmhdach le luath ghlas coltach ri sneachda salach. B’ e so an call bu mhotha rinneadh riamh le cumhachdan nàdair ann an America, deas no tuath, agus cha bu mhòr call a rinneadh riamh air an t-saoghal a thug bàrr air. Mar bu dligheach, tha moran rioghachdan is dhùthchannan thall ’s a bhos a’ cur cuideachaidh g’ an ionnsaidh-san a dh’ fhàgadh beò air an eilean. Bha spraidheadh ann am beinn air eilean St. Vincent air an aonamh latha deug, agus thatar a meas gu ’n do chailleadh mu dha mhile beatha. B’ Innseanaich iad cha mhor gu h-iomlan. Buinidh an t-eilean sin do Bhreatuinn. Tha e eadar ceithir fichead is ceud mìle deas air Martinique. Litir a Eilean a’ Phrionnsa. A CHARAID:—Tha mi a’ cur dolair anns an litir bhig so, feuch an cuidich e le MAC-TALLA chur ugainn uair ’san t-seachduin mar a b’ àbhaist dha. Chunnaic mi litir bheag o “Mhicheil” còir, agus rinn mi toileachadh gu leòr rithe. Tha mi ’smaointeachadh gu’m feumadh e putadh eile thoirt dhuinn feuch am biodh na Gàidheil a’ cluinntinn bho cheile na bu trice, oir ’s i mo bharail fein nach eil mi sam bith eile is fearr gus inntinn nan Gàidheal a thoirt gu bhi aonaichte mu dheidhinn a’ phaipeir na bhi ’cluinntinn an dràsd ’s a rithist bho ’n càirdean. Tha moran dhiubh a chuireadh feum air putadh an drasda ’s a rithist bho “Mhicheil” no bho chuideigin eile; agus tha mi fein ag aideachadh gu saor gu bheil mi air fear de luchd an dearmaid, ach ’s e ’s aobhar dha sin nach eil mi a’ faicinn guth bho m’ sheann chàirdean. Thugaibh mo mile beannachd do Mhicheil còir, is do ghin sam bith eile bhios ga m’ fheòrach, agus gabhaibh fein an ni ceudna. An dòchas gu ’n cluinn mi an ùine gun bhith fada gu ’n tig MAC-TALLA uair ’san t-seachduin, is mi, mar riamh is roimhe, ur caraid dileas. SEUMAS A. MAC GILLE-MHAOIL. Na h-Eileanan Coille, E. P. I., 12, 5, ’02. Cuisean am Breatuinn. (Oban Times). Tha oidhirp air a deanamh an dràsd anns a’ Phàrlamaid air lagh ùr a thaobh na misg a thoirt a mach, anns am faighear riaghailtean a bhios glé theann air na fir thruagh ud a gheibhear fo bhuaidh na misg. Cha d’ thàinig an lagh so a mach fathast ach tha dùil gu’n tig e. Bidh peanas sònruichte air a dheanamh air na fir òsda a bheir deoch do fhear ’sam bith a bhios buailteach do’n mhisg. Bidh e ’na uairean glé dhuilich an t-eadar-dhealachadh ceart a dheanamh. Tha e gu tric a’ tachairt gu’m faicear feadhainn a bhios ag òl fad an latha deur beag a nis ’s a rithis agus cha bhi coslas ’sam bith do’n deoch orra. Tha bròin eile ann agus cuiridh an deur is lugha air leth chaothaich iad. ’Se an fheadhainn nach blais deur ach theagamh uair ’san t-seachdainn, mur ’eil iad làidir ’s a’ cheann, a ruitheas ni ’s trice gu cunnart. A thaobh nan òsdairean ’s fheairrd iad tighinn fo na riaghailtean ùra. Bidh an lagh a’ neartachadh an làmhan ann a bhi diùltainn dibhe dhoibhsan aig am bheil tuille ’s a’ chòir mar a tha. Tha Albainn an dràsd fo dhroch chliù a thaobh na ceist so, gu sònruichte muinntir Ghlasachu aig am bheil ainm glé airidh ann an ioma cùis eile. Bidh eagal air cuid gu ’m bi saorsa air a giorrachadh troimh lagh an do ’n t-seòrsa so; ach air an làimh eile far am bheil an lagh air a bhonntachadh air aonta choitcheann an t-sluaigh, cha tig droch thoradh ’na lorg. Bidh costus a’ chogaidh ’na eallach glé throm air guallaibh an t sluaigh ré ioma latha ri teachd. Cha do mhothaich sinn fathast làn a’ chudthrom; ach tha cùisean a’ tromachadh. Tha sinn a’ cluinntinn guth ás a’ Phàrlamaid gu ’m bheil cìs ùr gu bhi air a’ bhiadh a tha tighinn do’n dùthaich so. Cha’n ’eil a’ chìs ach beag air a’ bhliadhna so; ach o’n a tha an seann lagh air a chur air chùl tha eagal oirnn nach stadar aig an t-suim a tha air a h-òrdachadh air a’ bhliadhna so. Tha an latha tighinn gun teagamh anns am bi aran an duine bhochd ni ’s daoire, agus anns an cluinnear guth na h-éigin ’s na gainne ’nar tìr. Tha staid an t-sluaigh glé thruagh mar tha cheana, gu sònruichte ann an cuid do chearnan nam bailte mòra; ach tha e cosmhuil gu ’m feud iad tuiteam ann an cor a bhios ni ’s miosa. Ach tha an cumhachd ’an làmhan tighearnan mòra an fhearainn, agus is e toil is cleachdadh an t-sluaigh féin gu ’m biodh e air fhàgail an sud. Fhuair iad an cothrom cùisean is laghan atharrachadh, ach cha d’ rinn iad am feum dheth a dh’ fheudadh iad troimh ’n phàrlamaid. Naigheachdan. BAS AN OLLAMH GHRANND—Chaochail an t-Urramach Seòras M. Grannd ann an Kingston, Ontario, air Di-sathairne, an deicheamh latha dhe ’n mhios. Rugadh an sgoilear ’s an sgriobhadair cliùteach so ann an Stellarton, an siorrachd Phictou, N. S., agus fhuair e fhòghlum ann an àrd-sgoil Phictou ’s an oil-thigh Ghlascho. Bha e o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean na cheann air Oil-thigh na Banrigh, an Kingston, agus bha e air a mheas mar aon de na daoine bu tapaidhe ’s bu gheur-chuisiche bha ’n Canada. Bidh e air ionndrain gu mor anns an Eaglais Chleirich, gu h àraidh anns an ard-sheanadh, far an robh a ghuth r’a chluinntinn mu gach cùis, ’s a chomhairle gu tric air a gabhail mu nithean cudthromach a bhiodh fa chomhair na cùirte sin. SIDE ’N T-SAMHRAIDH—Tha an t-side o chionn còrr is mios gu math fuar air an taobh so dhe ’n eilein, agus tha na tuathanaich a’ gearain air gainnead an uisge. Bhiodh frasan de dh’ uisge blàth gle fheumail air-son adhartas a thoirt air feur, a tha gu ruige so car fad air ais. Air an taobh eile dhe ’n eilean, tha an t-sìde na’s blàithe na air an taobh so. Ann am Margaree, tha moran de na tuathanaich a cheana ullamh dhe ’n churachd, agus tha cùisean ag amharc na ’s fhearr na bha iad o chionn iomadh bliadhna. SGIORRADH MULADACH—Bha fear Fionnladh Mac-an-t-Saoir air a mharbhadh anns a’ Mhèinn a Tuath feasgar Di-haoine, an naodhamh latha dhe ’n mhios. Bha e ’cumail olla ri inneal-criathraidh a’ ghuail, nuair a ghreimich te dhe na cuibhlichean air a chuid aodaich. Bha a dha chois ’s a dha laimh air am bristeadh, ’s bha e air a leònadh mu’n chorp, cho dona ’s nach robh e beò ach beagan uairean. Cha robh e ach coig bliadhna fichead a dh’ aois, agus bha e air pòsadh ùine ghoirid mu ’n do thachair an sgiorradh a dh’ aobharaich a bhàs. RATHAD-IARUINN SRAIDE—Thatar ag obair gu trang air togail rathaid-iaruinn sraide anns a bhaile so. Tha na rails cheana air an leagail air àireamh dhe na sràidean. Tha an rathad ri bhi air a thogail leis an aon chuideachd ann an Sidni Tuath, an Glace Bay, agus eadar Glace Bay is Sidni. Tha dùil aca bhi ruith nan cars mu mheadhon Iulaidh. Bidh an rathad na dheisealachadh mor anns na bailtean uile, ach gu sònraichte ann an Sidni, ga dheanamh furasda do dhaoine an dachaidhean a dheanamh na’s fhaide mach ris an dùthaich, far nach bi màl no tacsaichean cho trom ’s a bhios iad am meadhon a bhaile. BAS SEANA GHAIDHEAL—Ann an St. Martin’s, faisg air baile St. John, N. B., air an 10mh latha dhe ’n mhios so, dh’ eug fear Seumas Ros, a bha dlùth air ceud is da bhliadhn’ deug a dh’ aois. Rugadh e ann an siorrachd Rois, an Alba, air an ochdamh latha deug dhe ’n òg-mhios, ’sa bhliadhna 1790. Thainig e do America ’sa bhliadhna 1812, agus shuidich e ann an St. Martin’s ’sa bhliadhna 1820. Ged bha e ’chuid bu mhotha dhe bheatha am measg Ghall, cha do chaill e a’ Ghàilig riamh, agus b’ fhior thoigh leis a bhi ga ’labhairt. Bha e na ’bhall dhe’n eaglais Chleirich, agus na dhuine measail ’san sgireachd ’san robh e comhnuidh. ANRADH LUCHD NA MARA—“Is beag fios aig fear an tàimh air ànradh fear na mara.” Chaidh aon de na soithichean a tha mach á Newfoundland a’ marbhadh nan ròn, a ghlacadh anns an deigh mhoir, agus dh’ fhàs am biadh gann mu’n d’ fhuaireadh a fuasgladh. Dh’ fhalbh da dhuin air fhichead dhe ’n sgioba gu tir, agus choisich iad ceithir fichead mile troimh choille ’s troimh mhonadh a dh’ iarraidh cuideachaidh. Bha iad air an sàrachadh gu dona mu’n d’ ràinig iad an ceann-uidhe, agus bha deichnear dhiubh air an claoidh cho mor le sgìths ’s le acras ’s gu’m b’ fheudar dhaibh fuireach ann an campa ’sa choille. Chaidh cur ga ’n iarraidh sin cho luath ’sa rainig an companaich àiteachan-còmhnuidh, agus bha cuideachadh air a chur air falbh gun dail ga ’n ionnsuidh-san a dh’ fhuirich air an t-soitheach. ARDACHADH TUARASDAIL—Bha eagal air daoine ’n taobh so air an t-seachduin s’a chaidh gu robh na mèinnean guail ri bhi air an dùnadh suas. Dh’ iarr an luchd-obrach air cuideachd a’ ghuail na tuarasdail àrdachadh an deicheamh cuid, ’s e sin deich sentichean air an dolair. An uiridh, bha iad ag iarraidh leasachadh tuarasdail, agus dh’ aontaich iad an càs a chur fa chomhair cùirt-reiteachaidh, ach an deigh sin a dheanamh chaill iad. Air an turus so, cha robh iad deònach gnothach a ghabhail ri cùirt dhe ’n t-seòrsa sin; agus mur toireadh a’ chuideachd dhaibh na bha iad ag iarraidh, bha iad a’ dol a sgur a dh’ obair. Gu fortanach dh’ aontaich a’ chuideachd na bha iad ag iarraidh a thoirt dhaibh, agus tha ’n obair a’ dol air adhart mar a b’ àbhaist. Fhad ’sa bha ’n reiteachadh so ga ’dheanamh, bha gach ni gu sitheil sàmhach mu na mèinnean; cha robh mi-riaghailt de sheòrsa sam bith a’ dol air adhart. Tha a’ chuideachd a’ gearain gu bheil iad a’ fulang call mor na h-uile bliadhna le moran de na daoine bhi ’fuireach air falbh o’n obair fad dha no tri de lathaichean an deigh gach pàidhidh. [TD 238] [Vol. 10. No. 31. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 235.) aich an uair a smaoinich i air an doigh a ghabh Abon Hasan agus a bhean gus airgiod ’fhaotainn. Bha ’n righ a’ sior ghaireachdaich mu dheidhinn na doigh-mheallaidh a ghabh Abon Hasan, agus an uair a dh’ eirich e ’na sheasamh, thuirt e ri Abon Hasan agus ris a’ mhnaoi: “Leanaibh mise; bheir mi dhuibh am mile bonn oir a gheall mi dhuibh air son an aoibhneis a th’ orm gu ’m bheil sibh le cheile beo.” Dh’ iarr Sobaide cead air an righ mile bonn oir eile ’thoirt do Noushatal. Air an doigh so ghleidh Abon Hasan agus Noushatal fabhar an righ ’a na banrigh fhad ’s a bha iad beo, agus cha robh eis sum bith orra gu lath’ am bais. (A’ chrioch.) Turus Ruairidh do ’n Exhibition. FACAL AIR AN FHACAL MAR A CHUALAS UAITHE FHEIN. IV. DHIRICH sinn suas staidhreachan gu leor gus mu dheireadh an d’ rainig sinn na seomraichean a b’ airde ’bh’ anns an taigh. Bha aireamh mhor de dhealbhannan briagha ’n crochadh ris na ballachan; ach feumaidh mi radh nach do thog iad, briagha ’s mar a bha iad, a’ bheag dhe m’ aire-sa co dhiubh. Bha iad tuilleadh is lionmhor ann gus m’ aire-sa thogail. Ach bha m’ aire gle mhor air a togail leis na bh’ anns an taigh de dhealbhan snaidhte. Bha iad, tha mi ’smaointean, air an deanamh de dh’ umha, de dh’ iarunn, agus de chloich. Agus, rud nach do chord rium idir, bha iad uile dearg-ruisgte. Ach co dhiubh, bha sinn a’ coiseachd air ar socair fhin o sheomar gu seomar, agus ma ’s math mo chuimhne, bha feadhainn dhe na h-iodhalan so anns a h-uile seomar. Agus thug mi ’n aire gu ’n robh aireamh mhath dhe ’n t-sluagh a bh’ anns na seomraichean—araon firionnaich agus boirionnaich—a’ seasamh mu choinneamh nan iodhalan, agus a’ gabhail beachd orra gu dluth. A nis, cha do chord so idir rium. “Is ann a tha ’chuis coltach, ’illean,” arsa mise, “gu ’m bheil moran dhe ’n t-sluagh a’ deanamh aoraidh do na h-iodhalan balbha so. Biomaid a’ grad fhalbh as a’ so. Cha bu choir do dhuine a rainig an aois a rainig mise comunn sam bith a chumail ri daoine ’bhiodh a’ deanamh iodhal-aoraidh an-dligheach.” Rinn na gillean glag gaire; agus thuirt Domhull: “Tha mi cinnteach, ’athair, gu ’m bheil sibh a’ fas sgith. Ach tha aon ioghnadh eile ann a dh’ fheumas sibh fhaicinn mu ’m falbh sinn.” “Ciod e ’n t-ioghnadh a tha ’n sin?” arsa mise. “Tha,” ars’ esan, “bean Lot.” “Bean Lot!” arsa mise. “Seadh,” ars’ esan. “Cia mar,” arsa mise, “a b’ urrainn daibh a toirt an so? Tha Sodom, a reir mar a chuala mise, gle fhad’ air falbh as a’ so. Agus a bharrachd air a’ sin, is e carragh salainn a bh’ innte, agus a dh’ aindeoin cho cruaidh gu ’m bi an salann, cha ’n ’eil e furasda ghiulan air astar fada gun a bhristeadh.” “Feumaidh sibh a thoirt fa near, ’athair,” arsa Domhull, “gu ’m bheil iomadh doigh ro iongantach aca air rudan a dheanamh anns an àm so.” “Tha mi coma,” arsa mise, “ged a chithinn sealladh dhith, ged is e fior dhroch bhoirionnach a bh’ innte. Is fhad’ o’ n a leugh mi m’a deidhinn.” Chaidh sinn sios an staidhre, agus ann an oisinn leith dhorcha dhe ’n t-seomar, bha iomhaidh boirionnaich; agus thug mi ’n aire gu ’n robh i mar gu ’m biodh i ’g amharc air na nithean a bha air a culaobh. Ach bha ’n iomhaidh car og agus maiseach leam air son boirionnaich aig an robh oghachan aig an àm ’s an d’ rinneadh carragh salainn dhi. “Cha chreid mi gur e so bean Lot idir,” arsa mise. “Tha i ro og agus ro bhriagha leam; ach gu cinnteach tha e gle choltach gur e salann a th’ innte.” “Feumaidh sibh a chuimhneachadh, athair,” arsa Domhull, “gu ’n robh na boirionnaich a bh’ ann o shean ’nam boirionnaich ro bhriagha, agus gu ’n robh iad a’ cumail an dreach agus an coltais gus am biodh iad anabarrach sean.” “Tha mi ’g aontachadh leat anns a’ phuing sin,” arsa mise; “ach bidh fhios agamsa gun dail an i bean Lot a th’ ann.” Gun tuilleadh a radh, ghabh mi null, agus thoisich mi ri mo theanga chur oirre an aite ’s an aite feuch an e salann a bh’ innte. Thoisich na gillean ri gaireachdaich an uair a chunnaic iad an obair a bh’ agam. Chruinnich na daoine ’bh’ anns an t-seomar mu ’n cuairt oirnn an uair a chual’ iad a’ ghaireachdaich. Agus an sin thainig fear le cabhaig far an robh mi, agus rug e air ghualainn orm, agus thug e crathadh math orm. “Ciod e,” ars’ esan, agus e ’bruidhinn rium ann an Gailig, “an obair a th’ ort mar sin. Theid do chur an laimh air son d’ obrach. Bi falbh an so comhladh riumsa.” “Gu ’n sealladh am fortan oirbh, a dhuine choir,” arsa mise, “cha d’ rinn mise cron sam bith, agus cha robh ’nam bheachd cron sam bith a dheanamh. Thuirt mo mhac fhin rium gur e so bean Lot, agus bha teagamh agam nach robh e ’g innseadh na firinn dhomh. Bha mi air son a’ chuis a dhearbhadh, agus chaidh mi, agus chuir mi mo theangadh oirre ann an aite no dha feuch an deanainn am mach an e salann a bh’ innte. Sin agaibh na rinn mise de chron, agus shaoilinn nach deanadh an lagh greim orm air a shon.” An uair a chual’ e so, thoisich e ri gaireachdaich. Agus an sin thuirt e gu ’n robh e an aghaidh riaghailtean an aite do dhuine sam bith beantail ri dad a bh’ anns na seomraichean. Rug e air laimh orm gu cridheil, agus dh’ fhalbh e. Bha car de thamailt orm air son mar a thachair, agus thuirt mi ris na gillean, nach robh e ceart dhaibh a bhith deanamh culaidh-mhagaidh de sheann duine bochd, aineolach mar a bha mise. Cha duirt mi ’n corr riutha; ach chuir mi romham nach fhanainn na b’ fhaide anns an ‘Exhibition’ an lath’ ud. Cha leigeadh companach Dhomhuill am mach sinn gus an gabhamaid cupa ti comhladh ris. Chaidh sinn a steach do thaigh briagha, agus fhuair sinn ti mhath, agus biadh math leatha. Agus an sin dh’ fhalbh mise agus Domhull dhachaidh ann am beul an anamoich. Eadar an sgios a bh’ orm, agus an dragh a ghabh mi air son mar a rinneadh culaidh-mhagaidh dhiom, cha robh sunnd sam bith orm gus a bheag de chomhradh a dheanamh ri Domhull. Chaidh mi ’laidhe gu math trath, ach ma chaidh, cha b’ ann gu cadal. Bha gnothaichean bean Lot a’ cur dragh gu leor orm gus an do chuimhnich mi gu ’n robh mi fhin og roimhe, agus gu ’n robh mi ’nam spriolag cho aimlisgeach agus cho math gu culaidh-mhagaidh a dheanamh de dhaoin’ eile ri fear a bha beo. Thuirt mi rium fhin gur ann uam fhin a thug Domhull an nadar magail a bh’ ann, agus nach bu choir dhomh a bhith cho diumbach dheth ’s a bha mi. Mu dheireadh chaidil mi gu trom gus an robh e naodh uairean ’s a’ mhadainn. Shuidhich mi fhin is Domhull gu ’n rachamaid a dh’ amharc air seana charaid is fear-eolais a bha ’fuireach air taobh eile na h-aimhne. Rainig sinn aite a bha beagan astair o ’n taigh anns an robh Domhull a’ fuireach, agus chaidh sinn sios air staidhre gus an d’ rainig sinn an ‘train.’ Shuidh sinn innte. Cha do thachair dhomhsa ceisd sam bith a chur air Domhull mu dheidhinn an rathaid a bha sinn gus a ghabhail, oir cha robh sunnd comhraidh orm an lath’ ud. Tiotadh an deigh do ’n train falbh thuirt Domhull: “So agaibh, ’athair, an rathad fo ’n talamh. Tha sinn an drasta fhein, tha mi ’deanamh dheth, dìreach fo ’n amhainn.” Dh’ fhairich mi m’ fheoil a’ dol air chrith, agus m’ fhalt ag eirigh o m’ cheann, agus thuirt mi ris: “Cha stad thu gu brath, a laochain, gus an cuir thu as mo chiall mi. Ciod e am fios a th’ agad, nach tig toll air grunnd na h-aimhne, agus nach tig a h-uile deur dhe ’n uisge shalach a th’ innte a nuas m’ ar cinn m u ’m faigh sinn gu aghaidh na talmhainn. Cha ’n ’eil dad a dh’ iarraidh agam a bhith air mo bhathadh; ach ma ’s ann le bathadh a thig crioch air mo bheatha, b’ fhearr leam gu mor a bhith air mo bhathadh air muir na ’bhith air mo bhathadh ann an uisge salach air tir.” Gu fortanach rainig sinn ar ceann-uidhe gun bheud sam bith; agus bha mi gle thoilichte an uair a chunnaic mi aon sealladh eile de dh’ aghaidh na talmhainn. An deigh dhuinn an latha ’chur seachad gu cridheil, sunndach ann an taigh mo charaid, thill sinn anamoch feasgar. Ach gabh sinn an ‘train.’ Agus gu dearbh is e inneal-giulain cho fior iongantach ’s a chunnaic mise riamh. Bha Domhull ag radh rium gu ’n robh e air a chur air falbh leis an dealanach. Ach ma tha sin fior, is e gnothach iongantach a th’ ann. Bha cho math ri da fhichead pearsa air bord ann, agus cha chuireadh tu uidhireachd gu ’n robh punnd de chudam aig ri ghiulan. Bha rud mar gu ’m biodh stiuir giomaich ’na stob air a’ mhullach aige, agus e ’n ceangal ris na sreangannan a tha air an sineadh gu teann air tarsuinn, agus air fad, nan sraidean air am bheil an ‘train’ a ruith. Bha fear ’na sheasamh air a thoiseach, agus fear eile air a dheireadh gus a bhith ’g a stiuireadh agus a’ cur stad air. “A nis, ’athair,” arsa Domhull, an uair a bha sinn aig ar biadh anns a’ mhadainn an la-iar-na mhaireach, cha teid sinn do ’n ‘Exhibition’ gu feasgar. O ’n a tha mise ’falbh dhachaidh comhladh ribh ’s a’ mhadainn am maireach, tha rud no dha agam ri cheannach gus an toirt dhachaidh leam thun mo mhathar, agus theid sibhse comhladh rium. Ged a dh’ fhagainn ann an so sibh, cha bhi sibh ach a’ gabhail fadachd. An uair a thig am feasgar tha sealladh briagha ri ’fhaicinn anns an ‘Exhibition; bidh rud ris an can iad ‘fireworks’ ann an nochd, agus bu mhath leam gu ’m faiceadh sibh e. Thuirt mi ris gu ’n robh mi toileach gu leor deanamh mar a bha e ’g iarraidh. Bha fior thoil agam sealladh fhaotainn dhe na buithean mora, briagha ’bha cho lionar ann an Glasacho. Agus ged a bha ioghnaidhean gu leor ri m’ faicinn anns an ‘Exhibition,’ cha b’ iad na bha ri fhaicinn de luach airgid anns a’ bhaile dad bu lugha chuir a dh’ ioghnadh orm. Ach cha ruig mi leas teannadh ri innseadh dhut, oir chunnaic tu ’leithid roimhe. Chaidh sinn feasgar do ’n ‘Exhibition,’ agus cha robh sinn fad’ ann an uair a thoisich na ‘fireworks.’ Agus ma thoisich chaidh an cridhe air chrith agam. Chluinneadh tu fuaim mar gu ’m biodh uruchair gunna, agus an sin chitheadh tu rud anns na speuran mar gu ’m biodh meall teine ’bristeadh as a cheile, agus shaoileadh tu gu ’n robh e ’dol a thuiteam a nuas air cinn nam miltean air mhiltean de shluagh a bha cruinn aig an àm. Thig gaoir ’nam fheoil fhathast an uair a smaoinicheas mi air an t-sealladh uamhasach ud. Ach an aite ’bhith gabhail eagail, is ann a bha ’n sluagh gun mhothachadh a’ bualadh bhas ris, agus a’ deanamh iolach aoibhneis a chluinnteadh mile air astar! [TD 239] [Vol. 10. No. 31. p. 7] Ged a dh’ fhalbh tomhas dhe ’n eagal dhiom chuir an sealladh a bh’ ann gu smaointean gle mhor mi. Thuirt mi rium fhin, gu ’m b’ fheudar gur ann rudeiginn coltach ris an t sealladh ud a bha ’n sealladh a bh’ ann an Sodom ’s an Gomorrah an oidhch’ a fhrasadh teine agus pronnasg a nuas o neamh orra. Ar leam gu ’n robh mi faireachadh faileadh a’ phronnuisg far an robh mi na ’m shuidhe. Mu dheireadh thainig crioch air an obair eagalaich ud, agus dh’ fhalbh sinn dhachaidh. Ach mu ’n d’ fhuair sinn am mach troimh ’n dorus, theabas na h-asnaichean agam a chur air a cheile leis mar a bha ’n sluagh ’g am dhomhlachadh. Thill mi dhachaidh gu math moch ’s a’ mhadainn an la iar-na-mhaireach leis an train; oir chuir mi romham nach fhaigheadh fear a’ chrogain bhearnais an ath chothrom air mo dheadh dheise mhilleadh orm. Agus o ’n a bha Domhull comhladh rium, cha robh eagal no eis sam bith orm. Rinn mi dichuimhn air aon rud innseadh dhut; agus ged a tha fhios agam gu ’m bheil thu ’gabhail fadachd nach ’eil mi ’cur crioch air mo naigheachd, feumaidh mi innseadh dhut, agus is e sin, cho mi-thoilichte ’s a bha mi dhe ’n cheol a bh’ aca anns an ‘Exhibition.” Ged a bha Domhull, agus a h-uile duin’ eile a chuala mise ’bruidhinn m’ a dheidhinn ’g a mholadh, cha do chord e riums’ idir. Neo-ar-thaing nach robh an luchd-ciuil a’ deanamh fuaim gu leor; agus is docha gu ’n robh an ceol air cordadh math gu leor riumsa na ’n robh mi comasach air a thuigsinn. Tha sean-fhacal ann a tha ’g radh, “Ciod e am math a th’ air piob mur a seinnear i.” Agus tha mise ’g radh: Ciod e am math a th’ air ceol mur a tuigear e. B’ fhearr leamsa aon phort a chluinninn o dheadh phiobaire mar a bha Domhull bàn mac Eoghainn, na na chuala mi fad na h-uine ’bha mi anns an ‘Exhibition.’ Ach cia mar a b’ urrainn an luchd ciuil ceol ceart a sheinn an uair a bha h-uile mac mathar dhiubh a’ sior leughadh leabhair fhad ’s a bha iad a’ seinn? Mar a tha ’m facal ag radh: “Cha ’n urrainn duine a’ mhin itheadh agus an teine ’sheideadh aig an aon àm.” Na ’n cuireadh tu fichead rodan, agus fichead cat, agus fichead cu, agus fichead searrach comhladh ann an aon chrodhaidh as nach fhaigheadh a h-aon aca ’mach, dheanadh iad, an uair a thoisicheadh iad ri leum air a cheile, ceol a cheart cho taitneach ris a’ cheol a chuala mise. Dh’ fhairlich air an fhear a bh’ air ceann an luchd-ciuil an cumail aig rian. Bha e ’na sheasamh air am beulaobh, agus slatag bheag bhuidhe aige ’na dhorn, agus bha ’fhalus ’g a dhalladh leis na bha e ’deanamh de mhaoidheadh orra. Chunnaic mi fhin e ’tiormachadh ’fhaluis uair no dha le ’neapaiginn pocaid. Ach thuirt mise rium fhin gu ’m b’ fhearr dha gu mor deadh chuaille trom de bhata daraich a bhith aige ’na dhorn, agus buille mhath a thoirt do gach fear nach gabhadh a chomhairle. Na ’m b’ ann agamsa bha riaghladh a’ ghnothaich, bhiodh mala ghorm air iomadh fear dhe na baoghairean mora, bronnach a bha seideadh nan trumpaidean buidh’ ud, agus mur seinneadh iad ceol ceart, chuirinn a h-uile mac mathar dhiubh gu ruige Taigh Iain Ghrot an Gallaobh. (A’ chrioch). Cead le Duthaich nam Beann. Chaidh an t-oran a leanas a dheanamh an Astralia le fear de Chloinn-an-t-Saoir. Fo throm mhìghean ’s leisg mo ghluasad, Gur a cruaidh leam a bhith fàgail Tir mo shinnsir, tir na h-uaisle, A bha dual do chlann nan Gàidheal. Tha mi fàgail na tir Abraich, Agus caidreamh caomh mo chàirdean, Cha ’n ’eil m’ aigne ach neo-shùrdail, Is cha ’n ioghnadh mar a tha mi. Ciamar dh’ fhaodas mi bhi sunndach ’S mi ag ionndrainn nam beann àrda; Far an cluinnte damh na cr[?]ice Ri ard-dreocam dol ’san dàmhair. Tir nam beanntan arda fuar-ghlas, Tir nan gleanntan lurach, tlàthail Far am faighte spreidh am buaile ’S bannal ghruagach ’measg an àlaich. ’S cliuteach ainm nan Gaidheal gasda, Seorsa reachd ’or ri uchd nàmhaid, Luchd nam breacanan gun ghealtachd, Uasal, smachdail, lan de dh-àrdan. Seoladh air an fhairge dhu-ghuirm, An cuan udlaidh, farsuinn, gàbhaidh, Fuachd is teas mu seach a muthadh, Ach na duilean chi sinn sàbhailt. Dol gu taobh mu dheas a chruinne Far nach cluinnear leam mar b’ àbhaist Fonn na smeoraich air na h-àgain, Ceolmhor anns a mhaduinn Mhàighe. Bidh mi cuimhneachadh nan gleannaibh Anns an fhearann ’san deach m’ àrach, Anns an d’ ionnsaich mi na leanas Rium gu daingeann ré mo làithean. O! mo bheannachd leis na stùcaibh Mu ’n tiugh dhùineas ceo nan àrdaibh, ’S ged nach faic mi iad le m’ shùilibh Bidh mo rùn ’s mo smuain gu bràth orr’. Uirnigh Phaisdean I. LE LACHAINN MAC-GILLEAIN, LACHAINN NA GAIDHLIG. Tha sinn cruinn ann ad fhianais, ’Thi tha riaghladh gu h-àrd, ’Tigh’nn a dh’ iarraidh ort eolais Ann an oige air là, Mar-ri saors’ bho gach truailleachd A tha gluasad na ’r cridh: Seall a nuas ann ad ghràs oirnn, Is sinn pàisdean bochd I. Ann an linn Chaluim-Chille B’ e so innis an àigh, Bha i ainmeil ’san Eorpa Airson eolais is gràidh. ’Dhé na cumhachd ’s na morachd, D’ am buin trocair gun chrìch, Seall a nuas ann ad bhàigh oirnn, Is sinn pàisdean bochd I. Ged is iosal ar bothain Am measg chnoc agus ghleann, Bha do mhac féin air docair, ’S e gun socair fo ’cheann. Athair naoimh uile-ghloirmhoir, Le ’m miann solas is sith, Seall a nuas ann ad ghràdh oirnn, Is sinn pàisdean bochd I. SEAMRAG. Iadsan a Phaigh. An t-Urr. I. W. Mac Isaic, Lakevale, N. S. Beau Dhomhnaill Bhurns, Sonora, N. S. Iain Mac Isaic, St. Andrew’s, N. S. Mor Nic Aonghais, Martinvale, E. P. I. C H Mac Gillemhaoil, na h-Eileanan Coille S A Mac Gillemhaoil, na h-Eileanan Coille Gilleasbuig Domhnullach, Brooklyn, E. P. I Dughall Mac Mhuirich, Ceylon, Ont. Domhnall I. Domhnallach, Milan, Que. Bean N. D . Dhomhnallach, Milan, Que. Cailean Mac Leoid, Hasavick, Man. Caiptean A. Mac Neill, Seattle, Wash. Bean D MhicFhionghain, Mooreton, N. D. Domhnall Mathanach, New York. Bean Eachuinn Mhic Neill, Baddeck. Micheal Mac Neill, Washabuckt. Iain A. Mac Cuthais, Whitney Pier. E. Domhnullach, am Beighe ’n Iar. Sac trom air a’ chois chaoil. Sannt caillich ’s a’ chruaich mhoine. Saoilidh an duin’ air mhisg gu ’m bi a’ h-uile duin’ air mhisg ach e fhéin. Seachd bliadhna ’an cuimhne na bà, ’s gu là a bhàis ’an cuimhn’ an eich. Sealladh àrd na seana mhaighdinn. Eireachdas mnathan Loch-Obha, am bréid odhar a bhionndadh. Cho fileanta ri uileann fidhleir. Sron cho biorach ’s gun bugadh i biadh a faochag. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’ orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m. A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m. A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m. A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. Uilleam K. Beairsto, Luaidh-Cheard, &c. Theid againn air gach obair an co cheangal ri cur an phioban uisge agus blathachaidh thaighean a deanamh le deach luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. UILLEAM K. BEAIRSTO. Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [TD 240] [Vol. 10. No. 31. p. 8 ] An Gleann ’s an Robh Mi Og. LE NIALL MAC-LEOID. Air fonn—“When the kye come hame.” ’N uair ’philleas ruinn an samhradh, Bidh gach doire ’s crann fodh chroic; Na h-eoin air bhàrr nam meanglan ’Deanamh caithreim bhinn le ’n ceol; A’ chlann bheag a’ ruith le fonn Mu gach tom a’ buain nan ros— B’ e mo mhiann a bhi ’s an àm sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Anns a’ ghleann ’s an robh mi og, Anns a’ ghleann ’s an robh mi og, B’ e mo mhiann a bhi ’s an àm sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. ’S a’ mhaduinn ’n àm dhuinn dùsgadh, Bhiodh an driùchd air bharr an fheoir; A’ chuthag is gug-gùg aic’ Ann an doire dlùth nan cno; Na laoigh og’ a’ leum le sunnd, ’S ag cuir smùid air feadh nan lon; Ach cha ’n fhaicear sin ’s an àm so Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Anns a’ ghleann, &c. ’N àm an cruinneachadh do ’n bhuailidh B’ e mo luaidh a bhi ’n an coir; Bhiodh a duanag aig gach guanaig, Agus cuach aice ’n a dorn; Bhiodh mactalla ’freagairt shuas— E ri aithris fuaim a beoil— Ach cha chluinnear sin ’s an àm so Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Ann an dùbhlachd gharbh a’ gheamhraidh Cha b’ e àm ’bu ghainn’ ar spors; Greis air sùgradh, greis air dannsa, Greis air canntaireachd is ceol; Bhiodh gach seanair aosmhor, liath, ’G innse sgialachdan gun gho, Air gach gaisgeach fearail, greannmhor, Bha ’s a’ ghleann ’n uair bha iad og. Bha de sholas dheth gach seors’ ann ’Chumadh oigridh ann am fonn; Cha robh uisge, muir, no mointeach, Air an comhdach bho ar bonn; Ach an diugh tha maor is lann Air gach alltan agus ob; Cha ’n ’eil saorsa sruth nam beanntan Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Tha na fàrdaichean ’n am fàsaich, Far an d’ àraicheadh na seoid, Far ’m bu chridheil fuaim an gàire, Far ’m bu chàirdeil iad mu ’n bhord, Far am faigheadh coigreach bàigh, Agus ànrach bochd a lon; Ach cha ’n fhaigh iad sin ’s an àm so Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Chaochail maduinn ait ar n-oige Mar an ceo air bhàrr nam beann; Tha ar càirdean ’s ar luchd-eolais Air am fogradh bhos is thall; Tha cuid eile dhiubh nach gluais, Tha na ’n cadal buan fodh ’n fhod, ’Bha gun uaill, gun fhuath, gun antlachd Anns a’ ghleann ’s an robh iad og. Mo shoraidh leis gach cuairteig, Leis gach bruachaig agus cos, Mu ’n tric an robh mi ’cluaineis ’N àm ’bhi ’buachailleachd nam bo— ’N uair a thig mo réis gu ’ceann, Agus feasgar fann mo lo, B’ e mo mhiann a bhi ’s an àm sin Anns a’ ghleann ’s an robh mi og. Tha an t-oran so air a chlo-bhualadh air iarrtus duin’-uasail air ’n do dh’ fhairtlich leabhar a bhàird, “Clàrsach an Doire,” fhaotainn r’a cheannach. Bidh e toilichte chluinntinn gu bheil an leabhar sin ri bhi air a chur an clo as ùr air a bhliadhna so. Bha e air a chur an clo da uair cheana, agus chaidh a’ chreic gu b-iomlan, ni a tha leigeadh ris gu bheil mor mheas air am measg nan Gàidheal. Am fear a gheallas ’s e dh’ iocas, ’S e ’m fear a dh’ iarras a phàigheas; Cha choir do neach a bhi ullamh Gu dol an cunnart no ’n gàbhadh. Oran Do Shir Domhnull Mac Mhuirich, Ceannsuidhe Cruinneachadh bliadhnail Comunn Eilean a’ Cheo, LE IAIN MARTAINN. Air fonn—“Coire-Cheuthaich.” Ged ’s dàil cha dearmad dhomh inns’ a m’ sheanachas Mu ’n uasal ainmeil nach searg a chliù: Tha ’theisd thar fairge, le mheud ’s a dhearbh e Do thuigse thalmhaidh, feadh Alba dhuinn; Chraobh-sgaoil e ’sheanchas gu biodh ar n-ainmean, Is miltean airgid air falbh a null; ’S gur onair àraid thu dh’ Earraghàidheal Bhi suidhe ’m pàrlamaid àrd a chrùin. Gur h-ait an sgeula leam a bhi leughadh, Gun ghabh thu spéis ann an tìr nam beann, Bho ’dhearbh do bheusan gur h-uasal treun thu, Thug buaidh ’s nach géilleadh tu fhéin do ’n Ghall. Tha d’ oighreachd stéidhichte ’n criochan Shléibhte, ’S am miann gu léir thu bhi ghnàth leo ann; ’S gach bochd is uaibhreach cuir onair suas ort, Le meud do shuairceis do ’n t-sluagh gach àm. Gur lionmhor màthair ta guidhe gràs dhut Le meud do chàirdeas da pàisdean og; Do bhuadhan nàduir gun uaill, gun àrdan, ’S tu fialaidh, pàirtmhor ’s gach càs dhe ’n t-seors; Cha chualas d’ aicheadh bhi riamh san àite No gin thug bàrr ort bhi san Roinn-Eorp, Le d’ shuairceas fàilteil gu caoimhneil, bàigheil, ’S ro chaoimhneil, gnàthor gach là do dhoigh. Gur lionmhor dilseachd bha ’n cois do shinnsir, Fuil uasal rioghail bho thir nam beann, Na gaisgich spéideil ’san streup nach striochdadh, ’San cliù bho chianta feadh sliabh nan gleann; Fir chridheil fhiorghlan, le onair fhialaidh, Is tric thug dioladh a ciadan Ghall, Le lannan geura gu sgolta chreuchdan, Feadh naimhdean beuchdach a ghéill dhaibh mall. Clann Mhuirich ainmeil bh’ air thùs na h-armachd, Na gaisgich mheanmnach nach d’ fhalbh san ruaig, Bu sgaiteach, garg iad, ’s na blàir gun dearbhadh, Do naimhdean aneugnaidh nach tearbadh bhuath; Bu chliù air Alb’ iad, is tir nan garbh-chrioch. Na laoich nach fannaicheadh le anagheur cruais, Bha seasmhach, dìleas, na ’n ceannard mhiltean, ’S bidh ’n teisd gun dìobradh feadh linntean buan. Sir Domhnull ainmeil, àrd uasal Alba, Thar chuan tha t-ainm le mor shealbh ga ’luaidh, Tha chaithir dhealbhach a’ nochd neo-chearbach, ’S tu riaghladh ’n ceannaghaidh le soirbh mor shuairc; ’S e mheudaich m’ anamhor gu inns’ am’ sheanchas A mheud ’sa dhearbh thu feadh Alb’ dha ’n tuath, Do chaoimhneas fearadha mu d’ mhaoin ’s mu d’ airgiod, ’S aig réis ar n-aimsir cha searg do dhuais. An treas là dhe ’n Dùdlachd, 1897. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., —LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. 10 Fodair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tar .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlanders by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. MacIan (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith do na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 241] [Vol. 10. No. 32. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 6, 1902. No. 32. Suiridhe a’ Mhadaidh-ruaidh; NO ’SI ’N ONOIR A BHEIR BUAIDH. SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH. ROIMHE so o chionn a fhada an t-saoghail (ma’s fior an naigheachd) bha deagh Ghàilig mhilis, bhlasda aig uile bheathaichean na tìre, agus cha robh gamhlas, no mì-run, no naimhdeas air bith eatorra, mar a chì sinn a nis; ach bha iad uile caoimhneil, càirdeil, carannach r’a chéile, mar bu chòir do Ghàidheil a bhi. Dh’ òladh iad taobh ri taobh as an aon sruth, chaidleadh iad anns an aon phreas, agus chìteadh iad a’ mireag r’a cheile ait an aon réilean; rachadh an dara h-aon gu minic air chéilidh do thigh an aoin eile, ’s bha ceòl is aoidheachd is aighear, bha fala-dhà agus sùgradh is cridhealas, bha suiridhe ’s gaol is pòsadh a’ dol air aghaidh na ’m measg. Chìteadh am miol-chu ’s a’ mhaigheach, an dobhran-donn ’s an abhag riabhach, an t-uainein beag geal ’ s an sionnach ruadh, guala ri guala, gu mùirneach, caidreach, càirdeil—an còmhradh r’a chéile le brìodal blàth ’s le mànran milis. ’San àm so, ma ta, (a réir ar sgeòil) bha cat òg ann, aig an d’ fhàg a h athair ’s a màthair mòran stòrais, agus cha robh cat san dùthaich uile bha cho maiseach. Bha a bian cho slìom mhìn ri sioda na gailbheinn, ’s a sùilean cho loinnreach àluinn ri aon chloich dhearrsaich luachmhor uaine bha riamh ann am fàinne na ban-righ. Mar is furasda thuigsinn, bha iomadach leannan aig an àilleig òig; cha robh cù no cat, sionnach no feòcullan, dòbhran-donn no coinean san tìr, nach robh air a tòir. Ach do na suiridhichean uile, ’s e cù àraidh agus sionnach a b’ iomraitiche, agus orra so innsidh sinn sgeul. Bha ’n cù ’na mhadadh còir, tlachdmhor, ionraic, onorach; agus ’nuair chual’ e gu ’n robh a liughad fear an tòir air nighean peathar a sheanamhar, (oir bha e cho càirdeach is so dhi) chuir e roimhe gu’n tugadh e féin tairgse dhi. “Innsidh mi ’n fhìrinn,” thuirt esan, “mu m’ stoc ’s m’ ghabhaltas, mu m’ chuid ’s mu m’ chreideas, cha cheil mi an nì is faoine—ma ghabhas i mi ’s math, ’s mur gabh, cha bhrist mi mo chridhe air a son. Thog am madadh còir air leis an rùn so; ach bha ’n sionnach ’na choimhearsnach dha, agus thuig e ciod a bha air ’aire. Chuir e roimhe na ’m b’ urrainn e, gu ’m tugadh e an car as a’ chù ’s gu ’m faigheadh e an cat òg beairteach dha féin. Tha fios aig a h-uile duine gu bheil na sionnaich carach, cuilbheartach, seòlta, sloighteil; agus bha ’m fear so cosmhuil r’ a sheòrsa. ’Nuair chunnaic e an cù an déigh falbh cha robh fios aige ’n toiseach ciod a dheanadh e: oir bha eagal air na ’m bruidhneadh an cù mu ’n ruigeadh esan nach biodh moran tuiteamais aige-san air airgiod a’ chait—ach cha d’ fhuaras neas riamh na ’cadal, ni mò fhuaras sionnach ruadh gun chleas. Ghabh e stigh do choille bha ’n sin—fhuair e ath-ghoirid roimhpe thug chum an rathaid-mhóir e air thoiseach air a’ chù, agus aig taobh an rathaid chunnaic e beul-fo-fhraoch cumhann domhain, agus aige so stad e, a’ cur roimhe gu ’m milleadh e suiridhe a’ choin-mhóir fhathasd. ’Nuair a mhothuich e ’n cù a’ tighinn, leig e e-féin ’na shìneadh agus thòisich e ri tùirse ’s ri caoineadh mar gu ’m biodh e a’ call an deò. Chunnaic an cù e, agus thubhairt e ris fhéin, “Tha ’n sionnach an sàs—tha na cluipearan carach sin daonnan a’ tachairt ri tubaist air choireiginn, le tuille ’s a’ choir de sheòltachd. Air mo shon féin cha d’ fheuch mi ach fìrinn is onoir riamh, ’s cha d’ thainig cruaidh-chas no aimlisg fhathasd orm; ach feumar cuideachadh leis an t-sionnach o ’n tha e ann an eiginn.” Ghreas an cù air ais agus dh’ fheòraich e d’a choimhearsnach ciod a dh’ eirich dha. “Mo thruaighe! mo thruaighe! ” ars’ an sionnach, “thuit mo phiuthar bheag san t-slochd so ’s cha ’n ’eil fios agam ciod a nì mi; tha eagal orm gu ’m bi i tachdte a thiota.” “Nach teid thu as a deigh ’s nach toir thu ’nìos i? a bheathaich gun rath,” ars’ an cù. “O! ’s mi bhiodh toileach i thuirt esan, “ach nach fhaic thu ann am feuchainn ri ruigheachd oirre cheana gu ’n do shniomh mi mo dhruim ’s cha ’n ’eil gluasad agam. Och is ochòin! mo phiuthar bheag bhochd! ’s e ’n diugh latha na dunach, an latha dubh dhomhsa!” “Ma tha a’ chùis mar sin,” ars’ an cù, “cha ’n fhàg mise thu an àm na h-éiginn: bheir mi nìos do phiuthar bheag ma ghabhas e deanamh.” Gun tuilleadh a ràdhainn leum am madadh còir caoimhneil sios do ’n t-slochd. Bha ’n sionnach gu grad air a bhonnaibh ’ s chuir e leac mhór chloiche air beul an tuill ’s rinn e glag gàire. “Fan thusa ’n sin, a choin chòir,” ars’ esan; “theid mise ’s bheir mi beannachd uat gu d’ bhana-charaid an cat.” “A shloightire! a bhiasd! a chluipear ruaidh! an ann mar so a riun thu orm?” ars’ an cù. Ach cha d’ eisd an sionnach ri smàdadh. Dh’ fhalbh e gu siubhlach sunndach do thigh na ban oighre, làn-thoilichte le ’thapachd féin. ’Nuair a bha e dlùth do ’n tigh chuir e roimhe gu ’n taghladh e aig a mhnaoi-eòlais, a’ phioghaid, chum an sin gu ’m faigheadh e gach naigheachd a bha ’falbh. Bha ’phioghaid ro chaoimhneil ris. “Ach,” ars’ ise, “ciod thug sibh fein co fada bho ’n bhaile? mur mi-mhodhail r’a fheòraich e.” “Ma ta, le ’r cead,” fhreagair esan, “bha aon aobhar mor agam, tighinn a chòmhradh ri mnaoi-uasail cho glic, fhiosrach ribh féin; ach a thuilleadh air so, b’ éiginn domh a’ chùirt san robh mi fhàgail. Bha a’ bhàn-leóghann, bean an rìgh, gu math mùirneach umam; ach ghabh esan na ’cheann gu ’n robh i tuille ’s gaolach mu m’ dheidhinn. Thòisich esan, am burraidh mor, ri eudach rithe, agus smuaintich mise gu ’m bu mhithich dhòmhsa bhi ’bogadh na gad. Cha’n fhala-dhà leóghann a bhios ri eudach.” “Ach ciamar a leig e air falbh sibh?” ars’ a phioghaid; “nach h-iongantach nach do mharbh e sibh gun dàil?” “O! ’s ann tha e ro-chaoimhneil rium,” ars’ esan, “cha robh a dhìth air ach gu ’m bithinn air falbh o’n bhan-righ; agus mar dhearbhadh air a chàirdeas do m’ thaobh, thug ’e domh an ni luachmhor so tha agam ann an so, ni nach fhaighinn a leithid eile eadar ceithir chearnaibh an domhain mhòir.” “’Dé sin? ’dé sin?” ars’ a phioghaid. “Cha ’n fhaod sibh innseadh,” ars’ an sionnach. “Innseadh! air focal onorach na pioghaid cha chluinnear diog uamsa dheth gu bràth,” deir ise. “’S e ’n rud a th’ ann, ma ta, tri ròinneagan a bha air a’ chóigeamh cois aig a’ bheathach mhor a bha ’n Loch-odha,” thuirt an sionnach. “Ciod am beathach mor?—ciod na casan?—ciod na ròinneagan? innis dhomh, innis dhomh,” thuirt a’ phioghaid ’s a sùilean a’ lasadh ’s a guth air chrith le h-ioghnadh. “Nach ’eil fios agaibh mu ’n bheathach mhór a tha ’n Loch-odha bho chionn tri cheud bliadhna, gu bheil cóig casan air; agus na tri ròinneagan a tha aig bun na h-ionga-móire aig té dhiubh gu ’n gleidh iad an t-aon aig am bi iad am maise ’s an àilleachd na h-òige, gun liathadh, gun phreasadh, gun seargadh, gun seacadh, ged a bhiodh e beò cho fada ris a’ bheathach mhor fhein. Fhuair mi iad so bho ’n righ ’s tha iad agam air mo shiubhal.” “O! nach leig sibh fhaicinn iad?” ars’ ise, “’s bidh mo bheannachd oirbh.” “’S ro-dhuilich leam ’ur diùltadh,” ars’ esan, “ach gheall mi do ’n rìgh nach leiginn fhaicinn iad do thé gu bràth ach an té a phòsas mi—gabhaibh mo leisgeul.” B’ eiginn do ’n phioghaid cur suas leis an diùltadh; agus o ’n dh’ innis an sionnach uiread de nithibh iongantach dh’ ise, dh’ innis ise dhàsan gach ni a bha ’dol air aghaidh mu ’n àite, agus moran naigheachdan mu ’n chat ’s na suiridhichean. Bha ’n sionnach tuille ’s seòlta glic gus a h-uile rud a chual’ e a chreidsinn; ach thuig e gu ’n robh an cat gle mhor aisde fein, agus gu ’n taitneadh miodal is moladh is brosgul gu math rithe. Dh’ fhàg e beannachd aig a’ phioghaid, ag earalachadh oirre gu ’n diog a ràdhainn mu na chual’ i. “’N e mise?” ars’ a phioghaid, “cha ’n ann de ’n t-seòrsa sin mi Na biodh cùram oirbhse uime sin; ’s iomadh carraig air an caochail sruth, ach cha chluinnear pioghaid a’ tighinn thairis air na chluinneas i.” Dh’ fhalbh an sionnach ’s ghabh e mu thàmh ré na h-oidhche sin. ’Sa mhaduinn am màireach, gun fhios ciamar, chual’ a’ chuthag ’s an fheannag, chuala ’n cat ’s an coinean, chuala gach beathach is duine na h-uile facal a bha eadar an sionnach ’s a’ phioghaid; ’s bha gach maighdeann ’sa bhaile air bàineadh gu eòlas fhaotainn air aon cho [TD 242] [Vol. 10. No. 32. p. 2] ainmeil. Cha do chaill esan moran ùine gun dol an còmhradh a’ chait, agus bha e cho grinn, sgiolta, bha e cho beulach, mhiodalach, ’s gu ’n do ghabh an cat déigh mhor dheth a thiota, agus a réir coltais bha ’shaod gu ’m faigheadh e gach ni mar bu mhath leis. (Ri leantuinn.) Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. VI. CAISTEAL AN TUILM UAINE—CAIPTEAN EANRUIC, MUIME NA H-AIRIDH, ’S AM PRIOSANACH. MU ’n cuairt air cladach Rudha na h-Osnaich tha, mar tha ’n iomadh cearna de ’n Ghàidhealtachd gu léir, barr math chreagan. Ach ann an aon àite tha na creagan so air an carnadh suas taobh ri taobh air a h-uile dreach ’s air a h-uile cumadh, mar gu ’m biodh fuamhaire o shean a feuchainn a lamhe air clachaireachd. Tha e co dhiubh coltach gu ’n robh coinneamh aig na creagan an so uaireiginn an tùs an t-saoghail, agus gu ’n do chruinnich a h-uile cnap a b’ iongantaiche na ’cheile, a gabhail cumadh crò mhor, àrd, anns nach robh fosgladh ri fhaicinn, cho geur ’s gu ’n rannsaicheadh neach i, ach os cionn, agus ri aghaidh a chuain mhoir, luasganaich. B’ ann a thaobh ’s gu ’n robh an cuan air cladhach a stigh fo na creagan ’s air tuill agus uaimhean a dheanamh dha fhein, anns am biodh an cuan gun abhsadh a bùirich ’s ag osnaich a thugadh an t-ainm Rudha na h-Osnaich air an àite. Ach cha b’ ann air cumhachdan nàdair a bha ’n corra dhuine thigeadh an rathad a fagail na h-osnaich so idir, ach air cumhachdan uamhasach do-fhaicsinneach eile. Tha nàdar garbh na gloir ’s an àite so, ’s mar sin cuiridh e am barrachd ioghnaidh oirnn air dhuinn faighinn a stigh do ’n ’chro, blianag chaoin, bhòidheach, ghorm, anns a bheil mu dha acaire fearainn, fhaicinn an taobh a stigh de na ballachan garbha so. Tha na creagan àrda mu ’n cuairt a cumail sùil na gréine daonnan air an àite; tha mar an ceudna driùchd na h-oidhche a tuiteam tri fillte air, air chor ’s gu bheil gach flùr is bòidhche, ’s gach luibh is cùbhraidhe ga ’chomhdach. Ach am meadhain na blianaig so tha ’n h-ioghnadh is motha gu léir—’s e sin seana chaisteal fàs, ach a tha gu math làidir fhathast, air a chomhdach le eidheann uaine agus feanndag. B’ e Caisteal an Tuilm Uaine a theirteadh ris, agus b’ ann mar a leanas, ma b’ fhior an sgeul, a chaidh a chur suas. Bha ceann-feadhna cumhachdach uaireiginn dhe ’n t-saoghal a còmhnaidh air an staid da ’m buineadh an t àite so, agus a reir coltais ’s e fior dhroch dhuine ’bh’ ann, a rinn iomadh gniomh eucorach ri latha ’s ri linn. Ach bhuail an t-eagal e ’n uair a bha feasgar a réis a ciaradh, agus thog e ’n caisteal an so gus a bhi ann na aonar air furm an aithreachais fhad ’s bu bheò e, a mach o ’n t-saoghal ’s o chuid bhuairidhean meallta. B’ ann mar sin a bha. Cha robh e faicinn gnùis duine uair sam bith, ’s cha robh cuideachd aige ach a smaointean fhein. Bha seann seirbhiseach uair ’san t-seachduin a fàgail balg beag gràin air leac ghil a mach o ’n chrò am bad àraidh, agus a toirt leis a bhuilg fhalamh a gheibheadh e ann. B’ e so agus uisg’ an fhuarain biadh an aonarain. Bha dorus diomhair aig a bhodach anns a bhalla mhor so air a dhùnadh le creig mhoir air a cur air sorachain cho innleachdach ’s gu ’m fosgladh lamh naoidhean i le beantainn dhith am bad àraidh, ach nach fhosgladh Samson fhein le neart, mur biodh fios aig air a chleas. Cha robh fios aig duine air a so no mu ’n dorus idir ach aig a’ bhodach fhein: agus a thaobh ’s nach robh uibhreachd ri chur eadar e is bad eile, dh’ fhaodadh reiseamaid a bhith ’g amharc air a shon fichead bliadhna gun bhuaidh. Air aon fheasgar àraidh rainig an seirbhiseach an leac gheal mar bu ghnath an dùil mar a b’ àbhaist gu ’m faigheadh e am balg falamh, ach na àite sin bha e cho làn ’sa dh’ fhàg e e seachduin roimhe sid. Fhuaras daoine is bàta is chaidh iad mu ’n cuairt air an rudha ’sa stigh do dhaighneach an t-seann duine, ach cha ’n fhacas a choltas, no iomradh thun an latha ’n diugh dé dh’ éirich dha. Ach bha beul-aithris am measg an t-sluaigh a bha ’g at mar is dual, mar a bha e dol suas ’s gach linn. B’ ann air a bhodach bhochd a bha gach osnaich is bùirich a bha ’n cuan a deanamh ’s na h-uaimhean air fhàgail, air chor ’s nach rachadh ach duine gu math misneachail faisg air an àite, gu h-àraidh ’s an dorchadas. Bha Caisteal an Tuilm Uaine mar sin fad iomadh linn gun duine na chòir; ach anns a’ bhliadhna 1740 chòrd an t-àite cho math ri Tighearna Shrath Ghlinn, da ’m buineadh an staid, ’s gu ’n do chuir e air dòigh an caisteal air son dachaidh shamhraidh. Ach dh’ eirich Tighearna Shrath Ghlinn le Tearlach, agus a nis bha ’n caisteal fàs aon uair eile, ’s a mhaighstir na ’fhogarach ’s na ’chrùban feadh nan eileinean comhla ri Tearlach. Chaidh gach fearann is maoin a bhuineadh dha a ghlacadh an ainm Dheòrsa, agus a nis bha buidheann de na saighdearan dearga na ’m freiceadan ’s gach caisteal a bhuineadh dha ach an t aon nach d’ fhuair iad fhathast a mach, Caisteal an Tuilm Uaine. B’ e béisd a bhuineadh do theaghlach cumhachdach á Sasuinn da ’m b’ ainm Caiptean Eanruic a bha nis le stròdhalachd uamhasaich a caitheamh maoin oighreachd Shrath Ghlinn, agus na ’riaghladair thairis oirre fo laimh Chumberland fhein. Air maduinn chiùin, ghrianaich an tùs an t-samhraidh, 1746, bha bàta-cogaidh Sasunnach, a mach o Chaiptean Eanruic, a seoladh ’s a gabhail geur bheachd air muir ’s air tìr mu ’n cuairt, suas ris na cladaichean garbha so a bha cuartachadh Rudha na h-Osnaich. Ann am prioba na sùla, mar is dual do ’n t-samhradh òg,—aig a bheil coltas ri samhradh òg ar beatha fhein—thainig neul dubh ’san iarmailt air an robh coltas gle dhuaichnidh, agus a chuir eagal gu leor air oifigich òga, mheara, aineolach a bhàta Shasunnaich. Ruith iad am bàta ’stigh gu cabhagach, agus dh’ acraich iad ri fasgadh gob an rudha. An uair a fhuair iad air doigh, sheall iad mu ’n cuairt orra, agus ciod a b’ iongantaiche leotha na ’n caisteal a dh’ ainmich sinn, Caisteal an Tuilm Uaine, fhaicinn mu ’n coinneamh troimh ’n bhealach, agus ged a bha i aognaidh, duaichnidh ’n taobh am muigh dhiubh, bha ’ghrian gu h-òirdhearc a dearrsadh air an t-seann chaisteal ’s ga ’chuartachadh le tuil bhlàth dhe ’solus caoin. “Air m’ fhacal,” ars’ an t-oifigeach Sasunnach, “’s i bànrigh nan sìthichean Gàidhealach ’tha cumail cùirt san dainghnich iongantaich so, ’illean ar neo Prionnsa Tearlach fhein. Nach coir dhuinn a dhol suas feuch dé thachras ruinn, no chuireas am fortan na ’r luib?” Chaidh na fir gu tir agus dh’ ealaidh iad gu fàillidh thun an t-seann chaisteal, ach a mach o sgaoth dhruidean a dh’ eirich air dhaibh tighinn dlùth, cha robh creutair beò ri fhaicinn mu’n àite. “’Fhearaibh,” ars’ an t-oifigeach, “nach e Caiptean Eanruic a ni ’n toileachadh agus a bheir dhuinn an taing agus an duais airson an caisteal falachaidh so fhaighinn dha! Nach e ’bhios air a dhòigh!” ars’ esan, ’s e caogadh ri càch. “Faodaidh e ’bhan-reubalach òg, aluinn, fhiadhaich Ghàidhealach a ghlac e a chumail an so fichead bliadhna, no gus am brist e a spiorad, gun fhios do dhuine beò, ma thogras e. An cuala sibh mar a rinn i air an latha roimhe, airson e pòg iarraidh oirre?” “Cha chuala,” arsa na h-òganaich eile. “Chaidh, ma ta, an Caiptean a stigh far an robh i, air a chur suas air sheol ’s gu ’n robh e smaointean gu ’n aomadh e cridhe caileig òig sam bith, àrd no iosal. Tha fios agaibh fhein, fhearaibh, eadrainn fhìn, gu ’m bheil an Caiptean gu math féineil, agus a smaointean gur fior Apollo e-fhein, ach, fhearaibh, bheirte dheth an riomhadh ’s am breid òir ’s gach ribin eile, is chumadh e na ’aonar na ròcaisean á achadh ceud acaire arbhair. Ach is diomhaireachd so uile. Ach gu tilleadh gu Móraig no Màireig,—cha ’n ’eil fios agam air a h-ainm, ach gu bheil e tòiseachadh le M.—ach tha i da rireadh bòidheach. Co dhiubh, chaidh an Caiptean a stigh, agus le gasdachd mhoir bha e ’dol a shuidhe ri taobh Maili (fhuair mi e), agus thug e ionnsuidh air fàilte chur oirre le ’bhilibh, an uair, mar dhreagan, no mar chat-fiadhaich leum i uige is theab i thoirt as a chéile na ’mhìrean, mu ’n d’ fhuair mi-fhin is Barry a thoirt bhuaithe, air dhuinn a chluinntinn ag éibheach ‘Mort! mort!’ aird a chlaiginn. Agus bheireadh staid a Chaiptein gàire air gamhainn an uair a fhuair sinn a mach e. Ma bha e sleamhainn, cùbhraidh, làn olla spiosraidh, agus chnotaichean a dol a stigh, cha toireadh marsanta paca gròt air ’nuair thainig o ’mach, ’s cha ’n fhaiceadh tu le fuil e. ’S an òigh Ghàidhealach fhein: bidh a bòidhchead fhiadhaich na ’m shealladh gu bràth, air a dùbladh leis an fheirg. Sealladh àrd-inntinneach, misneachail na ’sùil, ’s a falt fada, cho dubh ri sgiath an fhithich, m’ a guaillnean ga ’comhdach mar bhrat sioda. Ach tha fios agam gu ’n dug an Caiptean bòid nach bi chum a math, ma theid leis. Chuala mi e ’g radh gu ’n toireadh esan oirre tighinn far an robh e air a da ghlùin a ghuidhe pòige air. Ach chi sinn, chi sinn.” A’ bruidhinn mar so bha na fir a tilleadh thun a chladaich. “B’ fhearr leam fhìn,” ars’ an ceannard, “aghaidh a thoirt air ban-leoghainn a bhiodh air a cuileanan a chall, na air an òigh Ghàilig gun chuireadh, agus—Ach air an t-saoghal dé tha sud?” Thuirt an Sasunnach na briathran so, air dha fhein ’s dha chompanaich osnaich aognaidh a chluinntinn air gach taobh, ’s fo ’n casan fhein, ’s iad a nis faisg air oir na mara, is sèimhealachd ga ’n cuartachadh a fàgail na h-osnaich so na bu shoilleire. “’S e na maighdeanan mara th’ ann,” arsa spalpair òg nam measg, a bha ’n deigh ùrsgeul a leughadh mu shluagh an aigein latha no dha roimhe so. “’S e na maighdeanan mara th’ ann,” ars’ esan, “agus tha ’n t àite fo gheasaibh, is mar is luaithe gheibh sinn as ’s ann is fhearr dhuinn.” Bha na bha iad a cluinntinn mi-thalmhaidh gu ’n teagamh, agus le aghaidhean tana, glasneulach, a mach a ghabh iad, a leum do ’n bhàta bheag a thug gu tìr iad air muin a chéile, air chor ’s gu ’n do chuir iad thairis i. Fhuair an companaich an iasgach gu sàbhailte gu bord, ’s mar chearcan fliucha rainig iad Caiptean Eanruic, ’s dh’ innis iad dha gach ni a chunnaic ’s a chual’ iad. O’n a bha ’n Caiptean fo dheagh dhion ’san àm, is botul math làmh ris air a bhord, rinn e faoineis dhe na bòcain a chual’ iad. “Ma tha iad ann,” ars’ esan, “cha bhi mo chlaidheamh sgaiteach-sa fada cur na ruaig orra!’ Le so a radh chuir an Caiptean a lamh chaol air a chruachan far an robh ’chlaidheamh, agus stadh e e-fhein gu duineil. “Mìle taing dhuibh, ’illean,” ars’ esan, “airson an t-àite fhaighinn dhomh—direach a cheart àite bha bhuam! Uilleim,” ars’ [TD 243] [Vol. 10. No. 32. p. 3] esan, “Uilleim, (ris a bhuidileir) a nuas leth-dusan botul de ’n fhion is fhearr ann an seilleirean an reubalaich, Tighearna Shrath Ghlinn, is cuir air a bhord iad air beulaobh nan uaislean so. Air m’ fhacal chunnaic mi na bu mhiosa ’san Fhraing. B’ aithne dha fion a thaghadh, ged nach b’ aithne dha righ a thaghadh!” Le so a ràdh thòisich Caiptean Eanruic ri spaisdearachd feadh an t-seomair, agus gach uair a rachadh e seachad air an sgàthan ’sa chitheadh e iomhaidh fhein, le iomadh lot agus spuaic, dhrannadh e ’fhiaclan, agus thigeadh solus cruaidh na ’shùilean. Sheas e sin aig an dorus, agus ghlaodh e air seirbhiseach, ’s thug e ordugh dha: “Faic brath,” ars’ esan, “gu cailleach a bhothain, agus innis dhith gu bheil toil agamsa a faicinn an so feasgar.” Bha ’chailleach so, dha ’m b’ ainm Muime na h-Airidh (ma bha ainm eile oirre cha chuala sinn) o chionn ùine mhoir air oighreachd Shrath Ghlinn, ann am bothan beag faisg air a chaisteal, far an robh i ’tighinn beò gu ròiceil air na daoine mora le brosgul ’s leis gach car eile bhios a leithid a cleachdadh, gus i fhein a chur a stigh agus càch a chur a mach. Bha i na ròtaich mhoir làidir, aig nach robh gràdh duine. Cha bhuineadh i do ’n àite, oir bu bhana-choigreach i a thainig bhar na Galldachd. Cha robh Muime na h-Airidh fada mu ’n cuairt air tionndadh colair a chleoc, ’n uair a thainig Caiptean Eanruic, agus bha i ’cheart cho sleamhainn, brosgulach ris an’ fhear ùr ’sa bha i ris an t-seana mhaighstir, agus cho deiseil air an laimh a bheathaich i bhrath, agus gach fiosrachadh eile thoirt seachad dha thaobh do Chaiptean Eanruic, ’s gur gann a dheanadh e ’n gnothuch as a h-aonais. Ach cha b’ i Muime na h-Airidh an te a mhalairteadh a chuid bu luachmhoire dhe ’bathar ’san fhosgladh, ’s mar sin bha i cumail iomadh rud an cleith, gus an toir air lom mar a bhiodh feum aic’ orra. Bhiodh diùrais dhiomhair eadar i fhein agus an Sasunnach gle thric; oir bha i coimhlionta am Beurla ’s an Gàilig. Agus b’ ann bhuaipe a fhuair an Caiptean a mach mu dheidhinn nighinn òig àluinn a bha còmhnaidh an cearn aonaranach, iomallach dhe ’n bheinn, comhladh ri ’h athair ’s ri ’bràithrean, a bha fo choill o chionn iomadh bliadhna. Mar a fhuair e greim air an òigh so theid innseadh na ’àite fhein. Ach air an fheasgar so thainig Muime na h-Airidh an làthair a Chaiptean Shasunnaich le iomadh béic agus umhlachd. “Ni sin an gnothuch, a chailleach,” ars’ esan. “Chuir mi brath ort feuch an rachadh agad air innseadh dhomh co dha ’bhuineas seann chaisteal fàs, air a chuartachadh le creagan garbha Gàidhealach, an àite fàsail ’sa bheinn ri oir na mara.” “Is cinnteach gu bheil ’ur n-onair a’ ciallachadh Caisteal an Tuilm Uaine,” ars’ a chailleach, ’s i leigeil ris an da bhun dhubha fhiaclan a bh’ aice le fiamh gàire aognaidh. “Bhuineadh e dha ’n t-seann reubalach, Tighearna Shrath Ghlinn, ach a nis buinidh e dhuibhse, is Dia ga ’r gleidheadh na ’cheann gu bràth.” “A bheil fios agad a bheil seomar dubh duaichnidh fo thalamh ann, nach fhaca solus gréine riamh? a dh’ aon fhacal, a chailleach, a b’ fhearr a fhreagradh air an eun a tha agad fhein fo ghlais na far a bheil i.” Rinn a chailleach gàire fada tùchanach. “Ha! ha! ha!” ars’ ise, “bristidh ’ur n-onair mo chridhe leis cho éibhinn ’sa tha sibh. Tha ’cheart rùm a tha bhuaibh fo Chaisteal an Tuilm Uaine, nach fhaca grian no gealach riamh; ach bu rùm gun ghrian gun ghealaich rùm sam bith anns nach faiceadh i sibhse. Cha ’n ’eil sibhse ’tuigsinn nigheanan nam beann cho math riumsa; agus faodaidh sibh mo chreidsinn an uair a dh’ innseas mi dhuibh gu bheil cridhe na caileig gu bristeadh le gaol dhuibh.” “Tha dòigh gle neonach aice airson a nochdadh, ma ta,” ars’ an Sasunnach, “’s na bi smaointean gu ’n creid mi do sgeul, a chailleach. Ach,” ars’ esan, ’sa làmh a siubhal nan lotan na ’aodann, “mur a bheil a cridhe gu bristeadh le gaol dhomh, bristidh e air dòigh air choireiginn i mu ’m bi i cuibhteas mise!” Le beagan seanachas diomhair eile eatorra, chaidh mar so a shuidheachadh gu ’m biodh Maili na h-Uamha air a toirt do Chaisteal an Tuilm Uaine air an ath latha, fo churam na caillich, Muime na h-Airidh. So air a shuidheachadh dh’ fhosgail Eanruic a sporran is thug e á measg na bh’ ann aon bhonn òir do ’n chaillich, a dh’ fhàg e, le briathran brosgulach, sleamhainn air a bilibh, agus farmad na ’cridhe. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. ALADIN. CAIB. I. ANN an ceanna-bhaile aoin dhe na h-earannan cho farsuinn agus cho saoibhir ’s a th’ ann an rioghachd Shina gu leir—cha ’n ’eil cuimhn’ agam an drast’ air ainm a’ cheanna-bhaile—bha taillear a’ fuireach do ’m b’ ainm Mustafa, agus cha robh e comharraichte ann an doigh sam bith ach gu ’n robh e cho bochd ’s gu ’m bu ghann a bha e comasach leis a’ cheird a bh’ aige air e fhein ’s a bhean ’s a mhac a chumail suas. B’ e Aladin an t-ainm a bh’ air a mhac, agus o nach robh e air iarraidh air car obrach a dheanamh, dh’ ionnsaich e moran de dhroch cleachdaidhean. Bha e aingidh, rag, rasanta, agus eas-umhail dh’ a athair ’s dh’ a mhathair, agus mar sin cha b’ urrainn daibh toirt air fuireach tiotadh aig an taigh ach fhad ’s a bhiodh e ’na chadal. Rachadh e mach gu math moch ’s a’ mhadainn a chluich thun na sraide comhladh ris na peasain a bha mu ’n aon aois ris fhein. An uair a bha e sean gu leor gus ceird ionnsachadh, o nach b’ urrainn ’athair ceird a b’ fhearr a thoirt dha, thug e air toiseachadh ri ionnsachadh na taillearachd. Ach cha tugadh comhairleachadh, no caineadh, no rud sam bith eile air Aladin ’inntinn a shocrachadh ris an taillearachd. Ged a dh’ fheuch ’athair a h-uile doigh air an smaoinicheadh e gus a chumail a staigh comhladh ris aig an obair, dhubh-dh’ fhairlich an gnothach air. Cha bu luaithe a bheireadh e cul a chinn ris, na bheireadh Aladin e fhein as thun na sraide, agus cha ’n fhaiceadh ’athair no ’mhathair sealladh dheth gus am biodh an cadail ann. Mu dheireadh thoisich ’athair ri gabhail air, an duil gu ’n tugadh e air a chomhairle ’ghabhail; ach bha Aladin na bu mhiosa na bha e riamh. Mu dheireadh b’ fheudar dh’a athair, ged bu chruaidh leis e, a chead fhein a thoirt gu buileach do dh’ Aladin. Agus leis an dragh-inntinn a ghabh e a chionn nach b’ urrainn e a mhac a cheannsachadh, dh’ fhas e tinn, agus ann am beagan mhiosan dh’ eug e. An uair a chunnaic a mhathair nach leanadh Aladin a’ cheird a bh’ aig ’athair, dhuin i ’bhuth, agus reic i an t-uidheam-taillearachd, agus leis na fhuair i air a son, agus leis na bha i gus a chosnadh le sniomh chotain, bha i ’smaointean gu ’n rachadh aice air i fhein agus a mac a chumail suas. O nach robh ’athair beo gus a chumail fo smachd, thug Aladin e fhein suas gu buileach do gach olc agus mi-mhodh air an smaoinicheadh e. Agus ge b’ e uair a chomhairlicheadh no ’chronaicheadh a mhathair e, thionndadh e gu garg rithe agus chaineadh e i. Cha robh rathad air a chumail a cuideachd nan droch chompanach a bh’ aige air na sraidean. Lean e air an obair so gus an robh e mu choig bliadhna deug a dh’ aois, agus cha robh aon smaointean aige air car de dh’ obair fheumail sam bith a dheanamh, agus idir cha robh smaointean aige air ciod a thachradh dha ’na dheigh sid. Anns an t-suidheachadh so an uair a bha e air lath’ araidh a’ cluich maille ri ’chompanaich mar bu ghnath leis, sheas coigreach a bha ’dol seachad an t-sraid far an robh iad, agus bheachdnaich e gu dluth air Aladin. B’ e ’n coigreach so an draoidh ainmeil ris an canadh an neach a sgriobh an sgeul so, an Draoidh Africanach. Agus is e so an t-ainm a tha freagarrach dhomh a thoirt air o nach robh e ach air tighinn a Africa da latha roimhe sid. Bha eolas math aig an draoidh air gnuis-fhiosachd, agus thuig e gu ’n robh rud eiginn ann an Aladin a bhiodh anabarrach feumail dha a chum an gnothach mor a bh’ aige ri dheanamh a chur an gniomh, agus dh’ fheoraich e gu gleusda de dh’ Aladin, co dha ’bhuineadh e, co dh’ ainm a bh’ air agus ciod an obair a bha duil aige ’leantuinn. Agus an uair a fhuair e gach fiosrachadh a bha toil aig’ fhaotainn, thug e Aladin ceum no dha a thaobh o na companaich a bha comhladh ris, agus thuirt e: “Nach b’ e ainm d’ athar Mustafa an taillear?” “B’ e, mo thighearna,” ars’ Aladin, “ach tha uine mhath o ’n a dh’ eug e.” An uair a chual’ an draoidh na briathran so, chuir e ’dha lamh mu amhaich Aladin, agus phog e caochladh uairean e, agus e ’sileadh nan deur. An uair a thug Aladin an aire dha ’sileadh nan deur, dh’ fheoraich e dheth, car son a bha e gul. “Ochan! a mhic,” ars’ an draoidh, agus e ’g osnaich, “cia mar is urrainn mise cumail orm fhin. Is mise brathair d’ athair; b’ e d’ athair mo dheadh bhrathair. Bha mi o chionn aireamh mhor bhliadhnachan a’ siubhal an t-saoghail, agus tha mi nis air tighinn dachaidh ann an dochas gu ’m faicinn esan a tha thusa ’g radh a tha marbh. Tha mi ’g innseadh dhut le firinn gu ’m bheil doilighios gu leor orm a chionn nach ’eil de thoileachadh agam gu ’m faic mi e. Ach tha tomhas de dh’ fhaothachadh agam a chionn, cho fad ’s is cuimhneach leam, gu ’m bheil thusa coltach ris, oir dh’ aithnich mi air d’ athair thu a cheud shealladh a chunnaic mi dhiot, agus tha mi nis a’ faicinn nach robh mi air mo mhealladh ’nam bharail.” An uair a dh’ fheoraich e dheth an t1aite an robh a mhathair a’ fuireach, agus a dh’ innis Aladin dha, dh’ fhosgail e an sporran, agus thug e dha lan a dhuirn de bhuinn bheag ’airgid, agus thuirt e ris: “Bi falbh dhachaidh far am bheil do mhathair, a mhic, agus thoir mo bheannachd-sa g’a h-ionnsuidh, agus innis dhi gu ’m bheil mise gu tighinn g’ a h-amharc am maireach, ma bhios uine agam, a chum gu ’m bi de thoileachadh agam gu ’m faic mi an t-aite anns an robh mo dheadh bhrathair beo cho fada, agus far an d’ thainig crioch air a bheatha.” Cha bu luaithe dhealaich an draoidh ri Aladin na ruith e dhachaidh far an robh ’mhathair agus aoibhneas mor air a chionn gu ’n d’ thug brathair athar airgiod dha. “A mhathair,” ars’ esan, “am bheil brathair athar agam?” (Air a leantuinn air taobh 246). [TD 244] [Vol. 10. No. 32. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IUN 6, 1902. Am bu Bhreitheanas e? O THUS eachdraidh an t-saoghail cha dàinig sgrios riamh air dùthaich no air sluagh gun daoine dh’ éirich sus gun dàil a radh gu ’m bu bhreitheanas a bh’ ann air-son aingidheachd na muinntir air an dàinig e. Tha so ri ’chluinntinn aig an àm so mu ’n sgrios uamhasach a thainig air an t-sluagh ann an St. Pierre, Martinique. Tha iomadh sgeul air innse mu olcas an t-sluaigh sin—a reir cuid dhiubh bha iad da-rireadh aingidh—ach cha ’n eil e ri chreidsinn gu robh iad na bu mhiosa na luchd-àiteachaidh dhùthchannan eile air nach dàinig fiosrachadh sam bith. Tha cearnan dhe ’n t-saoghal as am bheil droch sgeul air iomadh seòrs’ aingidheachd a nighinn o àm gu àm air am fàgail mar a bha iad, ’s an sluagh ag imeachd na slighe bha iad ag imeachd roimhe. A thaobh eilean Martinique, cha robh moran againn fiosrach gu robh a leithid ann gus an d’ fhuaras sgeul a sgrios, agus ged nach e ’n cliù a’s fhearr a thatar a toirt air an t-sluagh, cha ’n eil sin ag radh nach eil slòigh an àiteachan eile a bhiodh na ’r barail-ne a cheart cho toillteanach air sgrios ’sa bha iadsan. Cha’n eil e glic no ceart a bhi toirt breth orra-san air an dig bàs obann no call mor. Cha’n eil Breitheamh na talmhainn uile a’ toirt breith a reir barail ’s tuigse dhaoine, agus is math nach eil, oir bheir daoine ’m bitheantas breith a bhios mearachdach. Cha’n ann d’ ar dleasdanas-ne a bhi feòrach co-dhiu tha no nach eil iadsan air am bheil dosgainn agus bàs a tighinn a’ fulang nan nithean sin a chionn gu bheil iad ga ’n toilltinn os ceann chàich. ’S e ’n dleasdanas a bhuineas dhuinne a dheanamh cinnteach nach eil sinn fein a toilltinn nam peanasan a tha sinn a’ faicinn a’ tuiteam air muinntir eile. Is glice dhuinn a bhi stiùireadh ar ceumannan fein na bhi toirt breith air gluasad ar coimhearsnaich. An t-Sith. THA sgeul mhath ga ’h-aithris air feadh an t-saoghail aig an àm so, sgeul cho math ’sa chaidh aithris o chionn iomadh bliadhna. Tha cogadh nam Bóerach seachad, agus sìth air a h-aiseag do Africa mu dheas ’s do’n Impireachd Breatunnaich. O chionn dlùth air tri bliadhna bha an cogadh so a’ dol air adhart; rinneadh iomadh beatha phrìseil a chall ann, agus dh’ fhàgadh iomadh dachaidh brònach anns an ùine sin. Ach tha sin a nise seachad, agus bidh na creuchdan a rinneadh air an slànuchadh. Tha an Impireachd Bhreatunnach air a gleidheadh iomlan, agus bidh saorsa ’s ceartas a riaghladh far an robh daorsa ’s fòirneart a’ feuchainn ri ’n cinn a thogail. Dh’ ionnsuich Breatunn moran gliocais o’n chogadh so. Bidh a h-armailtean an deigh so air bhonn na ’s fhearr na bhitheadh iad mur robh na Bóerich air an ionnsuidh ghòrach a thug iad a thabhairt. Tha ’m Breatunnach ’s am Bóerach an diugh na ’s eòlaiche ’s na ’s measaile air a chéile na bha iad tri bliadhna roimhe so. Cha mhisd’ iad sin taobh air thaobh. Agus o’n tha na cumhachan-sìthe gle fhàbharrach do na Bóerich, bidh iad na ’s ullaimhe gu amhreitean nam bliadhnachan a chaidh seachad a leigeil air dichuimhn,’ agus gu socrachadh sios mar iochdarain dhileas do ’n Impireachd a thug buaidh orra. Cha do ghabh Breatunn droch bhrath riamh air nàmhaid chìsnichte, agus cha dean i sin air na Bóerich. Bidh barrachd de dh’ fhior shaorsa ’s de cheartas aca fo a riaghladh na b’ urrainn dhaibh a mhealtuinn fo riaghladh Steyn is Chrugair. Aon ni math a thug an cogadh mu ’n cuairt, air-son an còir dhuinn uile bhi taingeil, ’se sin, gu bheil an Impireachd an diugh air a tàthadh ri cheile le bannan dluth càirdeis mar nach robh i riamh roimhe. Ghabh Canada, Australia, New Zealand, ’s na ùr-threabhachais eile an cuid fein de dh’ uallach a chogaidh; dhòirt an cuid mhac am fuil chraobhach os leth na duthcha màthaireil, agus gheibhear an uaighean air machraichean Africa am measg uaighean nan laoch a fhuair an àrach an Alba, an Eirinn, ’s an Sasunn. Is uamhasach an ni cogadh, agus thigeadh dhuinn a bhi ’guidhe nach bi aig ar duthaich ri dhol gu stri nan lann air chabhaig a rithist. Ach o ’n bha ’n cogadh so ann, is còir dhuinn mar Bhreatunnaich a bhi taingeil gu ’n dainig ar duthaich as le buaidh ’s le onoir, agus an àite ’bhi air a lagachadh, mar a bha moran a cur air mhanadh dhi, gur h-aon tha i na’s treasa agus na’s aonaichte na bha i riamh roimhe. An Samhradh. IS iomadh aobhar toileachais-inntinn a tha ’n samhradh ’toirt duinn agus dearbhadh air caoimhneas agus càirdeas neo-chrìochnach an Uile-chumhachdaich. ’S e so an ràidhe sona sin, anns am bheil Dia a’ taomadh a mach saoibhreis a mhaitheis anns an tomhas a’s pailte air gach ni agus neach. Is sunndach càil gach beò-chreutair. Tha réite agus ciùineachd air dùilibh an domhain. Tha blàths agus aoibhneas a mach air feadh an t-saoghail, agus cha ’n ’eil obair eile aig an t samhradh ach ag uidheamachadh air son gach ni ’tha feumail agus taitneach do mhac an duine, agus freagarrach gu àrd thaingealachd a dhùsgadh ’na chridhe. Tha ’m pòr a chuireadh ’san earrach a’ teachd a nis a mach ’na fhochann bòidheach; tre chumhachdaibh diomhair nàduir, le feart na gréine, tha meas de gach seòrs’ a’ fàs anns na liosaibh. Fo mhìle suaicheantas rìomhach chithear lusan na machrach a fàs gu dosrach, ùrar; cha robh Rìgh Solamh riamh air ’éideadh cho àillidh riu. Nach lionmhor an àireamh, agus nach maiseach an snuadh! Nach dealaichte o chéile na ’n gnè ’s na ’n coslas gach feòirnein agus lus, gach preas agus crann a tha ’nis a’ fosgladh a mach an duillich, o’n chòinnich iosail uaine gu ruig an darach làidir, rìgh nan craobh! Siùbhlamaid far an àill leinn, gu mullach an fhirich a’s àirde, gu uaigneas a’ ghlinne a’s ìsle, tachraidh oirnn anns gach àite àilleachd ùr. Ma shuidheas sinn air bruaich na h-aibhne, nach binn torman ciùin an t sruth’ a’ siubhal seachad oirnn gu réidh, sàmhach do’n chuan mhòr. Nach bòidheach na blàthan maoth’ a tha ’fàs mu bhruachan nan allt,—an t-sòbhrach, a’ bharra-gheall, ’s an neòinein, a’ bhiolair uaine, ròs nam bad bòidheach, is mìle lus nach fhaodar àireamh ’s an àite. Amhairc os do cheann, nach glòrmhor dreach nan speur,—amhairc air an làr agus faic an trusgan uaine leis am bheil na cluainean air an còmhdachadh. Eisd ris a’ cheòl a tha m’ ad thimchioll, tha ’chòisridh cheòlmhor a mach air gach preas. Cluinnear fad as fuaim nam feadan uisge, turaraich chianail nan eas, agus onfhadh trom a’ chuain. Chithear caoraich le ’n uain bheaga gheala a muigh air an raon. Tha buaile ’chruidh ghuaill-fhinn air an todhar, tha na laoigh ghuanach a’ mireag air an àilein. Chuir fiadh nan stùc suas a shuaicheantas samhraidh, is àrd a langan ’s an fhrìth! Ann an aon fhocal, tha mìle ni r’a fhaicinn agus r’a chluinntinn ann an òg mhios an t-samhraidh a bu chòir ar taingealachd a dhùsgadh do ’n Ti àrd agus ghlòrmhor, a chàirich gach ni de ’n t-seòrsa so mu choinneamh ar sùl a thug tuigse dhuinn gu eòlas a ghabhail orra, agus riarachas inntinn a tharruing uatha. Ach àillidh mar tha tùs an t-samhraidh, cha mhair e fada; latha no dha seachad, agus fàilnichidh a dhreach. Agadsa, mar an ceudna, a dhuin’ òig, tha do shamhradh féin: ’s taitneach e, ach O! cha ’n ’eil ach gearr! Ann an ùine ghoirid caillidh an saoghal dhuitsa moran d’a àilleachd, fàilnichidh na nithean sin a thug dhuitsa sonas a ’d òige. Ma shìnear do làithean, lionaidh curam an t-saoghail so do chridhe, agus canaidh tu mu ’n aimsir a tha ’dol seachad, “Cha ’n ’eil tlachd aig m’ anam innte.” Do d’ ionnsuidh-sa, O mo Dhia! thogainn suas mo chridhe; gabh thusa, m’ anam, tlachd ann an Dia, agus bheir e dhuit gach maith ’na thràth. Dhàsan gu ’n robh samhradh mo làithean air a choisrigeadh. Gu ’n deònaicheadh e dhomhsa ’bhi beò air an t-samhradh so, mar nach faicinn a h-aon eile.—Caraid nan Gaidheal. Sealladh Uamhasach. THA dithis dhaoin-uaisle a bha ’g amharc air beinn Phelee bhar na mara nuair a thachair an spraidheadh a sgrios baile St. Pierre, ag innse gu ’m bu shealladh uamhasach e. Bha iadsan air a dhol a mach ’sa mhaduinn a dh’ iasgach, agus bha iad aig an àm mu dha mhìle bho thir. An toiseach chunnaic iad meall mor de cheò geal a’ spùtadh suas á mullach na beinne, an sin thainig ceò dubh air a leantuinn le ceò dorcha, buidhe, a sgaoil mar neul thairis air St. Pierre, ga ’dhubhadh as an sealladh. Lion an neul so an iarmailt, agus bha dorchadas mor ann, air chor ’s nach bu leir dhaibh am baile no ’n dùthaich timchioll air. Dh’ fhàs an t-àile aig an àm cheudna cho teth ’s gu ’m b’ fheudar dhaibh iomaradh air falbh cho luath ’sa b’ urrainn daibh. Nuair a dh’ éirich an neul ’s a shoilleirich an iarmailt chitheadh iad lasraichean ag éirigh o bhaile St. Pierre, ’s e air a dhol na ’theine. Lean an losgadh sin cóig no sia dh’ uairean, agus an sin bha am baile na ’luathainn. Tha iad so agus daoin’ eile a chaidh gu làrach a’ bhaile beagan làithean an deigh an sgrios, ag radh nach eil iad a creidsinn gu ’n suidhichear baile ’sa cheart àite am feasda tuilleadh; gu bheil an sgrios cho uamhasach agus cho iomlan ’s gu ’m bi e air fhàgail mar làraichean Shodoim agus Ghomorrah, na fhàsaich oillteil gu deireadh an t-saoghail. [TD 245] [Vol. 10. No. 32. p. 5] Crioch a’ Chogaidh. Thainig crioch air a’ chogadh. Oidhche Di-sathairne s’a chaidh, mu leth-uair an deigh deich, chuir morair Citchener, morair Milner, agus ceannardan nam Boerach an ainmean ri cumhachan-sithe. Fhuaireadh fios ann an Lunnainn air an ath latha, agus á sin sgaoil sgeul an aoibhneis do gach cearna dhe ’n t-saoghal. Tha na cumhachan a rinneadh gle fhàbharrach do na Boerich, ach ’s i barail dhaoine nach caill Breatunn air sin ri ùine. Tha na Boerich ga ’n toirt fein suas, ’sa toirt gach arm is innsridh airm a th’ aca do na Breatunnaich. Tha Breatunn a’ dol a leigeil nam priosanach air ais do ’n dùthaich fein gun pheanas sam bith, ach orra san a mhàin a bha ciontach de bhristeadh air riaghailtean cogaidh. Bidh a’ chainnt Dhùitseach air a teagasg anns na sgoilean, agus air a cleachdadh anns na cuirtean-lagha ma chuirear feum oirre. Bidh an t-arm air a thoirt as an dùthaich cho luath ’sa bhios sin comasach, agus bidh fein-riaghladh air a chur air chois. Faodaidh na Boerich gunnachan caola chumail air-son iad fein a dhion, agus air-son sealg. Cha bhi cosdus a’ chogaidh air a leagail air an Transbhaal, agus bidh tri millein punnd Sasunnach ($15,000,000) air a chur air leth air son fearainn nam Boerach a stocachadh. Bidh iadsan a bha ciontach de ghniomharan nach gabh mathadh air am feuchainn a reir lagh na dùthcha ach cha bhi neach sam bith air a chur gu bàs. Iadsan a bha ciontach de cheannairc, caillidh iad còir bhòtaidh fhad ’s is beò iad. Tha Breatunn mar so a’ déiligeadh ris na Boerich gu math na ’s fhearr na ’s àbhaist a bhi deanamh ri namhaid a thig gu ùmhlachd, ach feumar a chumail air chuimhne nach ann le dioghaltas no le laghannan cruaidhe, fòirneartach a thionndaidhear naimhdean gu bhi na ’n càirdean. Ma tha dùil ri Breatunnaich a dheanamh dhe na Boerich, ’s ann le càirdeas ’s le fialuidheachd a nithear e ’s cha’n ann le bhi ga ’n cumail fodha ’s ga ’n cruaidh pheanasachadh air son na rinn iad. Pol Ana-creideach. Nuair chaidh innse do Phol Cruger maduinn Di-dòmhnaich s’a chaidh gu robh crìoch air a chogadh, cha chreideadh e gu ’n robh an naigheachd fior. Tha e fein agus an Dotair Leyds gle dhiùmbach dhe na Bóerich air-son iad a dheanamh sìth gun an cead-san iarraidh. Tha Cruger o chionn da bhliadhna gu socair, seasgair anns an Olaint, a’ tigh’nn beò air ionmhas a thug e leis as an Transbhaal, am feadh ’sa tha a luchd-dùthcha a fulang fuachd is acrais is iomadh cruadail eile a’ cumail air adhart a’ chogaidh air an d’ thug esan orra tòiseachadh. Cha robh esan a’ faicinn aobhar sam bith air sgur, oir cha robh fuachd no acras, teine no luaidhe a’ tigh’nn na rathad fhein. Cha ’n eil e ’san doigh sin eu-coltach ri moran a bha air an taobh eile dhe ’n t-strìth, daoine bheireadh comhairle ghlic agus deagh sheòladh do cheannardan an airm mu iomairt cogaidh, ’s gun iad fein fad na h-ùine ach a’ garadh an cas ’s a’ leughadh nam paipeirean-naigheachd. Bha na daoine sin air an cogadh a thoirt gu crìch o chionn fhada na ’n gabhadh e deanamh le briathran beòil. Agus na ’n deanadh na h-airm cheudna feum do Chruger, bhiodh e n diugh na àrd-righ air Africa mu dheas, an àite bhi na fhògarach gun diù am baile beag an aon de na rioghachdan a’s lugha ’san Roinn Eòrpa. STOIRM ’SAN IAR-THUATH—Bhuail stoirm mhor chuairt-ghaothach Manitoba ’s an Iar-Thuath air an t-seachdamh latha fichead dhe ’n Mhàigh, agus rinneadh call mor leatha. Cóig mionaidean an deigh dhi tòiseachadh bha ’n talamh air a chòmhdach le clacha-meallain. Bha gaoth uamhasach agus uisge trom ann. Bha taighean agns saibhlean air am milleadh, ach cha chualas gu robh call beatha sam bith ann. Timchioll air Calgary cha ’n fhacas stoirm cho dona o’n chaidh daoine dh’ fhuireach ann. Far an robh na clacha-meallain a tuiteam, bidh am bàrr gun fheum gu buileach, agus bidh call mor air fhulang leis na tuathanaich. Litir a Ceap Nor. A CHARAIDE:—Thainig “Mactalla nan Tùr” a’ m’ ionnsuidh gu sabhailte. ’S cinnteach gur ann a chum a reic a bha ’m fear a chur thu ’n a chois, na ’s lugha na bha eagal ort mur biodh agam ach aon gu ’n tugainn seachad an iasad e, ’s mar sin nach faighinn a bheag de fheum an leabhair. Bheir mise m’ fhacal ’s mo bhoidean dhuit maille ri Micheil nach fheil mac mathar ’an siorrachd Bhictoria a gheibh iasad dheth; agus cha mhotha na sin a bheirear an iasad Filidh na Coille, a tha mi ’cur a dh’ iarraidh ’s an litir so. Cha ’n fheil leabhraichean Gàilig pailt ri am faotainn, agus is fior airidh Mr. Sinclair air a bhi air a mhisneachadh a chum an tuilleadh dhiubh so agus de leabhraichean eile fhaotainn air an cur an clò. Cha’n fheil e comasach do neach sam bith leabhar a’ sgrìobhadh agus a chur an clò, gun tomhas nach beag de ùine ’s de airgiod a chosg anns an oidhearp, agus mur bi sinne, a tha gabhail oirnn a bhi cho Gaidhealach, ullamh, air a chuid a’ s lugha, a chum cuid dhiubh a cheannach, ciamar a ’s urrainn duil a bhi againn ach ri gainne dhiubh a bhi ’n ar tir. Gheibhear ’s an t-saoghal so muinntir a tha meas gur ni mi-iomchuidh do neach sam bith aig am bheil suim d’a chliu, a bhi ’cur ùigh ann am bàrdachd. Cha ’n fhiosrach mi ma tha aon de ’n t-seorsa iongantach sin an taobh so, ach mur fheil, tha iad taobh eiginn eile—cuid leis nach fiach eadhon MAC-TALLA a thaobh na tha e toirt de bhardachd d’ a luchd-leughaidh. Saolaidh mi nach ’eil duine sam bith aig am bheil tomhas iomchuidh de thuigse nàdurra nach abair gu bheil daoine mar sid glic os ceann na bheil sgrìobhte. ’Nuair bha ’n t abstol Pòl a deanamh uile dhichioll a chum sluagh iodhal-aorach baile na h-Aithne aomadh gu gabhail ris a chreidimh Chriosdail, am measg na labhair e riu a chum na criche sin tha na briathran so: “Oir annsan tha sinn beo, agus a gluasad, agus tha ar bith againn; mar a thubhairt mar an ceudna dream àraidh de bhur bàrdaibh fein, Oir is sinne fos a ghineil-san.” A nis ma bha’n t-abstol ullamh gu bhi foghlum o bhàrdachd dhaoine aig nach robh eolas sam bith air an Dia bheò, agus cuid dhe’n fhoghlum sin a chleachdadh ann a bhi cur air adhart leas aimsireal agus spioradail muinntir eile, cia mòr is mo na sin a dh’ fhaodas sinne bhi foghlum o bhardachd dhaoine a thogadh an tìrean soisgeulach, cha’n ann a mhain a chum ar leas fein ach leas muinntir eile mar an ceudna. Nach math a thigeadh do gach neach rann deireannach aoin de orain Bhurns,—oran a bha le móran air a dhiteadh ’n a latha fein—a ghleidheadh air chuimhne, agus buannachd fhaotainn dheth. Air a thionndadh gu Gailig, tha a bhrigh gu ìre bhig air a ghabhail a stigh anns na leanas: “O gu ’n tugadh cumhachd eigin comas dhuinn sinn fein fhaicinn mar tha muinntir eile ’g ar faicinn, shaoradh sin sinn o iomadh mearachd agus smuaintean faoine. Cia meud de ’n phrois a chithear ’n ar siubhal ’s ’n ar n-earradh a dhealaicheadh ruinn, agus eadhon cràbhadh.” M. D. DEONACH AONADH RI CANADA—Tha iad ann a tha dhe ’n bharail nach eil an latha fad as anns am bi Newfoundland air a ghabhail a stigh mar aon do roinnean Chanada. Tha moran de na daoine ’s tuigsiche tha ’n Newfoundland a’ faicinn gu ’m b’ e sin an ceum a b’ fhearr a b’ urrainn do ’n dùthaich a ghabhail aig an àm so. Le bhi fuireach leatha fein tha i call a thaobh malairt, agus tha cosdus an riaghlaidh ro throm. Dh’ fhosgladh aonadh ri Canada margaidhean dhith a tha ’n dràsda cho math ri bhi duinte, agus bhiodh suidheachadh an t sluaigh gu math na ’s fhearr na tha e. Tha aon de bhreitheamhan àrd-chùirt Newfoundland an deigh a dhreuchd a leigeadh uaithe a dh’ aon ghnothuch air-son a luchd-dùthcha a thoirt gu bhi ’g amharc’ air aonadh ri Canada mar ni buanachdail dhaibh fein. Air son Chanada, tha i deònach an gabhail a stigh cho luath ’sa thig iad. Cha ’n eil fhios an toir i moran cuiridh dhaibh, ach nuair a nochdas iad gu bheil iad deònach aonadh rithe, cuiridh i fàilte chridheil orra, agus faodaidh iad a bhi cinnteach gu ’m faigh iad brod a’ cheartais. AN SAMHRADH—Tha e cearr a bhi labhairt mu ’n mhios Màigh anns an dùthaich so mar cheud mhios an t-samhraidh. Faodaidh e bhith gu bheil an samhradh a tòiseachadh ’san t-seann dùthaich air Latha Bealltainn, ach anns an dùthaich so cha ’n fhaicear moran dhe ’dhreach gu toiseach an òig-mhios. Thainig an t-òg-mhios a stigh an so am bliadhna gu briagha; bha a’ cheud latha dheth cho àlainn ri latha toiseach samhraidh ’sa chunnaic sinn riamh, ach cha robh na thainig uaithe sin cho blàth no cho coltach ris an aimsir sin dhe ’n bhliadhna. Bidh sinn gu tric a’ talach air sìde na dùthcha so, ach ’s e ’s coireach ri sin cho aineolach ’s a tha sinn air sìde dhùthchannan eile. Tha fuachd is fliuichead mi-thoilichte, agus gu tric mi-fhallain, ach is suarach iad an taca ris na tha r’a ghiùlan an dùthchannan eile. Cha d’ rinneadh anns an dùthaich so riamh call le brùchdadh bheanntan-teine no le crithean-talmhainn, mar a tha gu bitheanta a’ tachairt ’sna dùthchannan anns nach bi fuachd no reothadh. SGIORRADH UAMHASACH—Ann am Fernie, an Columbia Bhreatunnach, bha spraidheadh uamhasach ann am mèinn ghuail leis an robh ceud gu leth de ’n luchd-obrach air am marbhadh. Thachair so maduinn Dior-daoin, an darra latha fichead dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Am measg na chaidh a mharbhadh, bha dha dheug a mhuinntir Nobha Scotia, agus dithis a mhuinntir Cheap Breatuinn, Iain Domhnallach a mhuinntir Chaledonia, agus Raonull Mac Ille-mhaoil á Port Morien. Bu mhac esan do Dhomhnall Mac Ille-mhaoil, a chaidh a mach do Fhernie o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais. Dh’ fhàg an sgiorradh da fhichead bantrach is da cheud dìlleachdan. Bha a’ mhèinn gle dhona le gas, agus thatar ag aithris nach robhas cho faicilleach uime sin ’s bu chòir a bhith. Tha e gu tric a tachairt gu bheil sgiorraidhean agus call beatha air an aobharachadh le muinntir ris am ’bheil cùisean an earbsa a bhi deanamh dearmaid air an dleasdanas. MEINNEADAIREAN GANN—Tha aig a chuideachd a tha ’g obrachadh na Mèinne Tuatha ri àireamh de mhèinneadairean a thoirt a nall á Alba. Tha mhèinneadairean na dùthcha so fhein air fàs gann; tha na mèinnean uile ga ’n obrachadh gu trang, agus a’ cur feum air barrachd dhaoine ’s a bha iad riamh roimhe. Feumar air an aobhar sin daoine fhaotainn á dùthchannan eile. TAGHADH AN ONTARIO—Chaidh pàrlamaid ùr a thaghadh an Ontano air an t-seachduin s’a chaidh—air Dior-daoin. Chaidh an latha leis na Liberals. Fhuair iad leth-cheud is aon de ’n daoine stigh, agus na Conservatives da fhichead is seachd. Tha na Liberals an dreuchd an Ontario o chionn dheich bliadhna fichead. Mar is trice, is e am fear a’s fhearr gu bruidhinn a’s miosa gu obair. Mar is feumaiche a tha duine air comhairle, is ann is lugha tha de thlachd aige dhi. Ionnsaich a bhi modhail, iomchuidh ris na h-uile, agus bidh meas aig a h-uile duine ceart ort. Leabhar Ciuil. Tha an leabhar gasda so, a bha air a chur an clò an toiseach ’sa bhliadhna 1888, air ùr chur a mach agus sin ann an deagh uidheam. Tha a dha dheug air fhichead de laoidhean, agus an cunntas ceudna de dh’ òrain na Gaidhealtachd ri ’m faotainn ann, agus an ceòl ’san da notation leis gach aon. Tha ann mar an ceudna àireamh de dh’ fhuinn nan salm, mar a thatar ga ’n seinn ’sa Ghailig. Mur eil sinn am mearachd, ’se so an aon leabhar anns am faighear iad. Tha an leabhar air a chlo-bhualadh air deagh phaipeir, agus còmhdach math air. Thatar ga ’chreic air coig tasdain, agus ’s math is fhiach e a phris. The Songs and Hymns of the Gael, with English Translations and Music in both Staff and Sol-Fa Notations, to which is added the Gaelic Psalmody, also in both Notations, with an Introductory Chapter and Notes by Lachlan MacBean. Price 5s. Stirling: Eneas MacKay, 43 Murray Place. Can be ordered from the Publishers of Mac-Talla, Sydney, C. B. Price by mail postpaid, $1.50. [TD 246] [Vol. 10. No. 32. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 243.) “Cha ’n ’eil, a leinibh,” ars’ a mhathair, “cha ’n ’eil brathair agamsa no aig d’ athair.” “Tha mi direach air tighinn a nis fhein o dhuine ’tha ’g radh gur e fhein brathair m’ athar cinnteach gu leor. Bha e ’caoineadh, agus phog e mi an uair a dh’ innis mi dha nach ’eil m’ athair beo; agus gus a dhearbhadh dhuibh gu ’m bheil mi ’g innseadh na firinn, seallaibh na thug e dhomh de dh’ airgiod. Dh’ aithn e dhomh moran bheannachd a thoirt do ’r n-ionnsuidh, agus a radh ribh gu ’m bheil e gu tighinn gu ’r n-amharc am maireach, ma bhios uin’ aige, a chum gu ’m faic e aig a’ cheart am an taigh anns an do chuir m’ athair seachad a bheatha.” “Bha brathar aig d’ athair gu dearbh, a leinibh, ach is fhad o ’n a fhuair e bas, agus cha chuala mise riamh gu ’n robh brathair eil’ aige,” arsa mathair Aladin. Cha do labhair Aladin agus a mhathair an corr mu dheidhinn an draoidh aig an am. Ach air an ath latha fhuair brathair-athar e ann an ait’ eile dhe ’n bhaile ’s e ’cluich comhladh ri cloinn eile, agus an uair a chuir e ’lamhan m’ a amhaich mar a rinn e an latha roimhe sid, thug e dha da bhonn oir, agus thuirt e ris: “Thoir so, a leinibh, thun do mhathar, agus abair rithe gu ’m bheil mise gu tighinn g’ a faicinn a’ nochd, agus iarr oirre rud fhaotainn dhuinn gu ar suipear; ach seall dhomh an toiseach an taigh anns am bheil sibh a’ fuireach.” Sheall Aladin an taigh do ’n draoidh, agus an sin chaidh e steach leis an or thun a mhathar. Agus an uair a dh’ innis e dhi mar a thuirt brathair-athar ris, chaidh i ’mach a cheannach a’ bheidh a bha gus a bhith aca gu ’n suipear; agus o ’n a bha soithichean a dhith oirre, chaidh i g’ an iarraidh an iasad air na coimhearsnaich. Chaith i an latha gu leir ag ulluchadh na suipearach. Agus an uair a bha ’n t-suipear deiseil, thuirt i ri Aladin: “Is docha nach aithne do bhrathair d’ athar an taigh; bi falbh feuch am faic thu e, agus thoir leat an so e ma thachras e riut.” Ged a sheall Aladin an taigh do ’n draoidh, bha e faisg’ air a bhith deas gu falbh g’ a iarraidh an uair a chual’ iad cuideiginn a’ bualadh aig an dorus. Dh’ fhosgail Aladin an dorus anns a’ mhionaid, agus thainig an draoidh a steach agus eallach a dhroma de dh’ fhion ’s de mheasan aige gus a bhith aca aig an t-suipear. An deigh dha na measan agus am fion a thoirt do Aladin, chuir e failte air a mhathair, agus dh’ iarr e oirre an t-aite dhe ’n t-sofa air am biodh Mustafa a bhrathair a’ suidhe a shealltain dha. An uair a rinn i so, anns a mhionaid chrom e, agus phog e an t-aite caochladh uairean a’ glaodhaich, agus na deoir o ’shuilean: “Mo bhrathair bochd! nach mi tha neo-shona nach d’ thainig mi ann an am gus d’ fhaicinn mu ’n d’ fhag thu ’n saoghal!” Dh’ iarr mathair Aladin air suidhe anns an aite anns am biodh a bhrathair a’ suidhe, ach cha deanadh e sid idir. “Bheir mi ’n aire nach dean mi sin idir,” ars’ esan; “ach thoir dhomh cead suidhe m’ a choinneamh, a chum gu ’m bi de thoileachadh agam gu ’m bi mi ’faicinn an aite anns am bu ghnath le maighstir ionmhuinn an taighe ’bhith ’na shuidh, o nach ’eil e ’n comas dhomh e fhein fhaicinn.” Cha duirt mathair Aladin an corr ris, ach leig i leis suidhe far an do thoilich e fhein. An uair a shuidh an draoidh aig a’ bhord, thoisich e ri comhradh ri mathair Aladin. “Mo dheadh phiuthar,” ars’ esan, “na cuireadh e ioghnadh sam bith ort ged nach fhaca tu mise riamh o ’n a phos thu mo bhrathair, Mustafa, air am bheil meas cho mor againn le cheile. Tha da fhichead bliadhna o ’n a dh’ fhalbh mi as an duthaich so, an duthaich anns an d’ rugadh mi fhin agus mo bhrathair nach maireann. Agus anns an uine sin shiubhail mi na h-Innsean, agus Persia, agus Arabia, agus Siria, agus an Eiphit, agus bha mi greis a’ gabhail comhnuidh anns na bailtean a’s briagha ’th’ anns na duthchannan so, agus ’na dheigh sin chaidh mi gu ruig’ Africa far an do chuir mi seachad uine mhor. Mu dheireadh, mar a tha nadarra do dhaoine, an uair a tha iad uine mhor air falbh o aite am breith agus ann araich, chuimhnich mi air mo dhuthaich, air mo chairdean, agus air mo luchd-eolais, agus bha toil mhor agam tighinn air ais agus failte ’chur air mo bhrathair. Agus o ’n a bha misneach agus neart gu leor agam gus an turus fada so a ghabhail, gun dail sam bith fhuair mi deiseil agus dh’ fhalbh mi. Cha ruig mi leas innseadh dhut an uine ’thug mi air an t-slighe ’tighinn an so, no na duiligheadasan a thachair rium, no an uidil ’s an t-allaban a dh’ fhuiling mi; ach cha do chuir rud sam bith uiread de bhron agus de dhragh-inntinn orm ri naigheachd bais mo bhrathar do ’n robh gradh mor agam an comhnuidh. Thug mi ’n aire gu ’n robh iomhaidh ’athar air do mhac cho luath ’s a chunnaic mi e am measg na cloinne eile a bha ’mireag comhladh ris air an t-sraid. Faodaidh e innseadh cho fior bhronach ’s a bha mi an uair a chuala mi an naigheachd bu mhuladaiche ’chuala mi riamh. Ach moladh do Dhia air son nan uile nithean! tha e ’na chomhfhurtachd dhomh gu ’m bheil a mhac ro choltach ris anns gach doigh. (Ri leantuinn). Litir a Detroit. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha mi duilich air son nan daoine gasda a chaill an cuid de ’n t-saoghal leis an teine mhor a bha agaibh ann an Sidni. Is e tha mi a’ ciallachadh gu sonraichte an fheadhainn dhiubh a bha cur sanais ann a rithist. Tha mi ’g earbsa nach bi an ùine fada gus am bi na daoine còire a’ cur sanais ’sa MHAC TALLA. Tha mi fhìn fuasach taingeil nach deacha am paipeir Gàilig againn a losgadh. Bha eagal orm, an uair a leugh mi ’sna paipearan Beurla gu robh Sidni air a losgadh, gu robh MAC-TALLA cuideachd air a losgadh agus nach biodh e air a chur a mach tuille. Faodaidh sibh a thuigsinn uaithe sin gu bheil mi toilichte gu leor a bhi ga ’fhaotainn uair ’san da sheachduin. Agus tha dochas làidir agam gu’m bi e, an ùine nach bi fada, ’tighinn a mach ùair ’san t-seachduin, agus neo-ar-thaing do na daoine leibidach a dhiult a chuid airgeid dligheach fhéin a thoirt dha. Thuirt Anna Og anns an òran aice, “’S truagh nach robh agam do ’n Eilean Dubh Staidhrean de na Frisealaich.” A reir coslais cha robh moran meas aig Anna air na Frisealaich, ach cha’n ’eil fios agam gu de bh’ aice nan aghaidh. Ach bu mhath an airidh staidhrean a dheanamh de’n “fheadhainn nach do phaigh,” ann an àite air choireigin mar b’ e gur h-e droch rud a tha anns an dioghaltas. Cha b’ fhiach le MAC-TALLA dioghaltas a dheanamh orra. Tha MAC TALLA ag radh ’san aireamh mu dheireadh, gu’n teid aig a Ghàilig air facail a ghabhal ’an iasad cho math ri canainean eile. Cha’n ’eil mi creidsinn gu’n gabh i iasad cho math ris a Bheurla. Tha a’ chànain sin cosmhuil ri Tigh Iain Ghròt. Bha ochdnar mhac aig an duine choir sin; bha iad a’ stri co aca rachadh air thoiseach a’ dol a mach ’s a stigh air an aon dorus a bh’ air an taigh aca. Thog Iain an sin an taigh iomraiteach aige: bha ochd cliathaichean air agus dorus air gach aon dhiubh, dorus do gach mac. Agus bha ochd oisinnean air a bhòrd dhe am biodh iad a’ gabhal am bidh. Tha ochd dorsan, an car a’s lugha, air a Bheurla, agus gabhaidh i stigh facal sam bith a thachras rithe; ach mur còrd e rithe gearraidh i an t-earball dheth, air neo cuiridh i car ’na amhaich, agus anns a mhionad tha e na fhacal Beurla. Is iomadh ionmhas luachmhor a tha taisgte suas innte, ceud uair na’s motha na bha an cànain riamh roimhe; ach cha’n aidich mi gur h-i is fhearr innte fhein na a Ghàilig. Tha a Ghàilig gann ann an ainmean aig gach ealain, gach innleachd is eolas a fhuair daoine mach anns a linn a chaidh seachad; ach cha ’n e coire na Gàilig a tha an sin ach coire nan Gaidheal fhein. An uair a bhios sinn air son eòlas fhaotainn air na rudan ùra so, ’s ann ’s a’ Bheurla theid sinn ga shireadh chionn cha’n eil e anns a’ Ghailig. C’arson nach eil? Air son nach do chur na Gaidheil innte e, cha’n ann airson nach gabh e cur innte. Nam bi a Ghailig cànain Bhreatuinn gu h-iomlan bhiodh i an diugh cho fada air a h-aghart ’sa tha a Bheurla. Ach sguir i de dh’ fhàs bho cheann fhada, agus an car a theid ’san t-seann mhaide ’s duilich leis dìreadh. Nam biodh i air a teagasg anns na sgoilean, bhiodh dòchas agam gu ’n tigeadh i air a h-aghart fhathast ann am briathran a bhiodh freagarrach air staid an t-saoghail mar tha e an diugh. Tha iomadh facal ’sa’ Bheurla a dh’ fhaodadh sinn a ghabhal a stigh ’nar cànain a bhiodh na bhuanachd dh’ ì. Is minig a chuala mi Gàidheil a bruidhinn, agus an àite rathad-iaruinn ’se railroad a theireadh iad: gidheadh ’se brod na Gailig a tha ’san fhocal rathad-iaruinn’ tha e h-uile buille cho math sa tha railroad an canain nan Gall. Agus ciod e a ni sinn ri facail mar tha locomitive, telephone, telegraph, agus iomadh graph eile? Cha’n ’eil mi faicinn dad an aghaidh an gabhail a stigh uair sam bith nach eil facal freagarach ’nar cànain. An àite locomotive dh’ fhaodadh sinn an t-each-iaruinn a radh; is e sin brod an ainm, chionn ghabh an inneal sin aite an eich. Ach ’se a chùis sinn fhìn fhaotainn air ar cleachdadh ris. An uair a bhios an Gearmailteach a bruidhinn mu lamhainnean ’se their e riutha, “brogan-làmh,” agus ri peann their e “ite.” Cha robh cànain riamh ann ach a chiad té nach do ghabh iasad. Chuir duine saibhir geall mile punnd Sasunnach ri sgiobar Leòghasach nach b’ urrainn e-fhein agus a sgioba Leòghasach a long mhor thri-chrannach a thoirt mu ’n cuairt de’n t saoghal gun facal a labhairt air bòrd fad an turuis ach Gàilig. Sheol iad á Steòrnabha, chur iad cuairt mu ’n t-saoghal, agus an ceann dà bhliadhna sheòl iad a stigh do bhagh Steòrnabha gun fhacal a radh ach Gàilig. Bha an sgiobar còir an duil, car mionad, gun d’ thug e a chuairt gu crich, agus thubhairt e:—“Let go the anchor—leig a mach an greim mor.” Ged a rug e air fhein ann am mionaid chaill e an geall. Slan leibh. Is mi ’ur caraid, DOMHULL MAC LEOID. CRAIGIE AIR A SHAORADH—Air an t-seachduin s’a chaidh bha ’n Conductor Craigie air fheuchainn aig a’ chùirt mhoir ann an Arichat air-son a bhi coireach ri bàs a Chaiptean Stiùbhart. Mar is cuimhne le ar leughadairean, bha ’n Stiùbhartach air a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Loch Mhic-an-t-Saoir, an deigh a bhi air a chur bhar na trein le Craigie. Dh’ fheuchadh ri dheanamh mach gu’n deachaidh Craigie thar a dhleasdanais ga ’chur a mach, gu’n do chleachd e-fhein ’s a luchd-cuideachaidh neart is an-iochd mi-iomchuidh ris, agus gu robh e mar sin coireach ri ’bhàs. Aig a chuirt cha robh dearbhadh sam bith air a thoirt air adhart gu ’n d’ rinneadh ni sam bith ach na bha dleasdanach a reir riaghailtean an rathaid. Bha Craigie mar sin air a shaoradh gu h onorach. [TD 247] [Vol. 10. No. 32. p. 7] Tuireadh. LE IAIN RUADH MAC-GILLEBHRATH. Moch Di-luain an àm dhuinn gluasad, ’S sinn gun smuairean oirnn, gun champar, Fhuair sinn naidheachd a bha cruaidh leinn, Na fir shuairc’ a bhith air chall oirnn, ’N àite bhith a teachd gu h-uallach, Gur h-e ’n cuan a b’ ionad tamh dhaibh.— Dochas m’ anm’ gun d’ rinn sibh buannachd ’Bheir dhaibh suaimhneas ’measg nan ainglean. Tha lionn-dubh air feadh an àite Mu ’n da bhràthair bhàthadh comhla, ’N Domhnallach bho Allt ’Ic Càrra, ’S an deagh àrmunn bha air bord leo. Ol, no aimhreit, no droch nàdar Cha do chàradh riamh na ’r feoil-sa. ’S lionmhor iad n’ ur déidh tha cràiteach ’Bharrachd air na dh’ àraich og sibh. Ged a theannainn-sa ri ’r cùnntas Feadh na dùthcha ’rinn an àrach, C’àit am faicteadh na b’ fhearr biuthas Na na fiurain ghearradh tràth bhuainn. ’N Ti a ghairm sibh suas g’a ionnsaigh Ghabhail curaim agus bàigh ruibh, Is gach neach théid air an glùinean A bhith ’g ùirnigh ’suas n’ ur fàbhar. Och, mo thruaighe-s’ thus’, Iain Ghrannda, Chaill thu chlann sin a b’ fhèarr beusan. Shaoileadh tu gum biodh tu taingeil Mur a biodh iad ann le chéile. Liath a bhliadhna so roimh ’n àm thu, Dh’ fhàs thu fann, ’s gur mall do cheum leam, ’S beag an t-ioghnadh thu bhith ann, ’S gur mor an call am measg nan ceud iad. ’S lionmhor cridhe tha ’n diugh cràiteach O’n a bhàthadh Domhnall Grannda; Beul a thoirt am mach a ghàire Nuair bhiodh càch a dol gu aimhreit. Leam is duilich e ri ’ràitinn Bean do ghràidh a bhith na bantraich.— Beannachd Dhé bhith leis na h-àrmuinn; Leam is tràth sibh dhol air chall bhuainn. ’S beag an t-ioghnadh leam-sa Anna Bhith trom galach, mar a tha i, ’S ann ga ’dìth a tha na fearaibh, A deagh chaidreabh ’s a geal bhràthair. Nuair a dhùisgeas i ’sa mhaduinn Anns an leaba, gur a fàs i. Chuir sud sgian na ’cridh an sparradh Nach dig as air bheagan làithean. ’S beag an t-ioghnadh i bhith truagh dheth, ’S deoir a gruaidhean a bhith siubhlach. ’S mor an ionndrainn a tha bhuaipe, Measg an t-sluaigh cha robh ’n luchd-diomha. ’N Ti a dh’ ordaich an toirt bhuaipe Bhith ri fuasgladh anns gach cùis oirr’; ’S e a dh’ àithn am bas a fhuair iad— Bhith ’sa chuan, ’s an uaigh gun dùnadh. Och, Alasdair Bhàin, a charaid, ’S trom air m’ aigne nach do thill thu; ’S og a thogadh thu nam thaice, Is do ghruaim cha ’n fhacas riamh leam. A bhith siobhalt’, aoibheil, taitneach, Sin a chleachd thu ’s cha b’e mhiothlachd. Cha bu mhac thu mar an t-athair Nam biodh atharrachadh fiamh ort. Bha gill’ og de Chloinn Mhic-Leoid ann, Ged nach b’ aithne dhomhs’ gu dlùth e. Far an robh e riamh a comhnuidh ’S e na h-eolaich bheir an cliu air. Mac an athar ’s nach robh chomhstri, Fhuair e ’leon ’s bu mhor an diubhail; Tha mac eile leis fo ’n fhoid, Ach cha robh sin cho mor ri ’chùnntas. Nam b’ e stoirm a chuir sibh thairis, ’Chaoidh cha ghearainain-s’ cho mor sibh; No ainneart am meadhon mara, ’N tric a chailleadh na fir eolach; Ach ’s ann ’bha sibh taobh a chladaich Nuair a thachair gniomh na doruinn, A rinn sealap dhubh a challa, ’Tigh’nn gu acair oidhche Dhomhnaich. Ged a bhiodh a mhuir na ’deannaibh Aig na fearaibh anns a bhàta ’S gann gum faicteadh i dol thairis Mur a biodh an t-sealap làmh rith. Nan robh siuil a suas ri crannaibh, ’S i aig astar mar a b’ àbhaist, ’S cinnteach mi gun d’ fhuair sibh cala, Nan deanadh tapadh tigh’nn a gàbhadh. A bhith cuimhneachadh bhur coltais, Cha ’n fheil ann ach obair dhiomhain; Nuair a gheibh an ùir a cholann Theid i dholaidh, ’s beag a’s fiach i. A bhith ’g ùirnigh ris na h-aingil, Sin a th’ againne ri ’dheanamh, Dia a dh’ fhuasgladh air bhur n-anam, ’S e a lagachadh bhur pian duibh. Ach bhon dh’ fhalbh sibh air ur turas, Gun tigh’nn tuilleadh thun ur càirdean, Deanamaid dheth galar fulaing, Ma ’s a h-urrainn sinn na ’r nàdar. Tha fios aig an t-saoghal uile Nach h-fheil duin’ a dol a thàmh ann; Mar gun tilgeadh craobh a duilleach, Thus’ an diugh is mis’ am màireach. Fhuair mis’ an t-oran so, an 1889, bho Iain Domhnallach, tàillear a tha fuireach mu choig mile bhuam. Is mac e do Niall Mor mac Eoin mhic Dhomhnaill mhic Thormaid. Bu nighean a mhàthair, Mairi Nic-Neill, do Dhomhnall Og Mac-Neill. Rugadh e aig na Caoil Bheaga an Ceap Breatann. Dh’ ionnsaich e an tàillearachd ’san Eantarbhal, no baile Antigonish, aig Aonghus Domhnallach, Aonghus mac Dhomhnall Dhìrich. Tha e beo slàn fhathasd, ach cha ’n fheil e uile gu leir cho sùbailte is a bha e nuair a bhiodh e a dannsa ’san Eantarbhal agus a bualadh na lobhta le ’chasan. Tha Alasdair Domhnallach, Alasdair Clachair, duine a rugadh air a Ghulf, a fuireach mu cheithir mile bhuam. Tha e ag radh gu bheil e an nis tri-fichead ’s a sia diag, agus gun robh e mu cheithir bliadhna diag de dh-aois nuair a thachair am bàthadh. Chuireadh sin am bàthadh anns a bhliadhna 1840. ’S a bhliadhna 1892 fhuair mi litir bho ’n duine fhiosrach, mheasail sin, Mr Raonall Mac-Gillebhràth, sagart Arisaig, anns a bheil an t-iomradh a leanas air a bhàthadh: Nuair a bha Mr Iain Grannda is Mr Alasdair Mac-Leoid na ’m foghlamaichean chaidh coignear dhaoine leotha o Mhuideart gu Arichat, far an deach iad air bord soithich gu an toirt do Chùibeic. Nuair a bha na daoine a chaidh leotha a tilleadh air ais rinneadh a suas riutha le shallop a bha dol gu Pictou. Cheangladh am bàta aca ris an t-sealap, agus dh’ fhalbh i leotha. Dh’ fhuirich ceithrear diu anns a bhàta—Domhnall Grannda, Cailein Grannda, Alasdair Bàn Domhnallach, agus Calum Mac-Leoid. Chaidh an coigeamh fear Donnachadh Mac-a-Phearsain air bord na sealaip. Nuair a rainig iad Muideart bha an oidhche aca, agus bha a ghaoth a seideadh gu math làidir o ’n airde deas. Nuair a bha am bàta ’s an t-sealap a dealachadh ri ’cheile bhuail an t-sealap am bàta agus chuir i car dh’ i. Chaidh a cheithrear a bha ’sa bhàta a bhàthadh. Anns a’ mhadainn fhuaradh an t-sealap an sàs air creig air Rudha Arisaig; ach cha dàinig ni ris na daoine a bha innte. Cheasnaich Mr Raonall beagan de shean daoine, ach cha b’ urrainn e ’fhaighinn am mach ge dé a bhliadhna anns an do thachair am bàthadh. Rugadh Mr Alasdair Mac-Leoid ’sa bhliadhna 1809, agus bhiodh e co dhiu bliadhna ar fhichead de dh aois nuair a chaidh e do Chùibeic a dh’ ionnsachadh na sagartachd. Tha e cinnteach mar sin nach do thachair am bàthadh roimh ’n bhliadhna 1830. Chuir am ministear foghluimte gasda sin, an t-Olla Mac-Eanraig am mach, an Leabhar nan Gleann, ceithreannan de dh-oran a bhàthaidh. Fhuair e e bho Mhairi Nic-Gillemhaoil an Erisgaidh. A réir an iomraidh a thugadh dha uime rinneadh e le sagart ann am Morar Mhic-Shimi air bàthadh a dha bhràthar fhin agus an duine aig a phiuthair. Cha ’n fheil fios agamsa ciamar a chaidh an t-oran do dh-Erisgaidh; ach tha e làn chinnteach gur h-ann air a Ghulf a chaidh a dheanamh, agus gur h-e Iain Ruadh Mac-Gillebhràth, am bàrd a rinn fear de na h-orain a tha ann am Filidh na Coille, a rinn e. Bhon tha MAC-TALLA a dol do ’n t-sean dùthaich faodaidh mi innse gu bheil àiteachan briagha air a Ghulf an Antigonish ris an abrar Arisaig, Mùideart, is Cnoideart, agus gu bheil iad lan de shluagh laidir, tapaidh. Cha ’n fheil gin diu cho math air a chlaidheabh is a bha Iain Mùideartach, ach tha moran diu fichead uair na ’s fearr air a chrann-treabhaidh na bha e riamh. GLEANN-A-BHAIRD. Iadsan a Phaigh. Iain Gillios, Sidni. Alasdair Domhnullach, Whitney Pier. An t-Urr. Alasdair Ros, Hogamah. Micheal R. Mac Neill, Benacadie. L. Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree Domhull A. Gillios, Mabou Bheag. Ruairidh Mac Coinnich, Loch Bhlackett. Maighstir A L Domhnullach, Broad Cove Iain Mac Iomhair, Bagh Bhaddeck. Eobhan Mac Gilleain. Eilean Phictou, N. S. Uisdean Mac Leoid, Allt nan Sia Mile, N. S. D. Mac Gillemhaoil, Dunbheagain, Ont. Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont. Calum Deora, Dunbheagain, Ont. D. B. Mac Aoidh, Southampton, Ont. Alasdair L. Leitch, Strathroy, Ont. Domhnall Mac Leoid, Detroit, Mich. An t-Urr Domhnall Mac Gilleain, Dunbheagain, Alba. MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte do dh’ orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA.” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. Wm. COYNE, Traffic Manager. [TD 248] [Vol. 10. No. 32. p. 8] Dealachadh a’ Phrionnsa ri Fionnghal Nic-Dhomhnuill. LE D. B. MAC-LEOID. Air fonn:—“Eirinn gu brath.” Ga cladach a’ chuain, Ri fuar-ghaoth an anmoich, Thriall Tearlach gun dealradh Air allaban ’s e sgìth; Gun reul air a bhroilleach, No freiceadan a’ falbh leis, Ach ainnir nan gorm-shul Bu dealbhaiche lìth. Mar dhaoimean ’san oidhche Bha mhaighdean fo thùrsa, ’Si cràiteach mu Thearlach Bhi fàgail a dhùthcha; Bu trom air a h-osna, ’S bu ghoirt deoir a sùilean ’Nuair chunnaic i ’n iùbhrach A’ dlùthadh ri tìr. Bha ghealach a’ tearnadh Thar airde nan stùc-bheann, ’S gathan gu siùbhlach Air dlù-thonna ’leum; Ach ghrad thug i ’n aire, ’S mar oigh air a ciùrradh Chuir sgail air a gnùis-ghil De dhù-neoil nan speur; Is dh’ fhalaich na reulltan Iad féin anns a’ ghorm-bhrat, Bha osna na gaoithe ’Trom chaoidh na bha falbh leath’, ’S b’ e gearan a’ chuain An àm bualadh ri garbh-chreig: “Mo léir-chreach an Albainn ’S ann mharbhadh na tréin!” Sheas Flòraidh is Tearlach Air tràigh nan tonn caoir-gheal, ’S bu bhrist-chridheach aog-neulach ’N aogas le cràdh; Gun fhacal o ’m bilibh Ach sileadh gun chaochladh, ’S iad aodann ri aodann Air glaodhadh le gràdh! Ach thainig a’ bhirlinn, ’S i ’n ribhinn a thoisich, Le brist-ghuthan anmhuinn, Air seanachas gu dòimheach; Mar chlàrsach ’sa teudan Gun ghleusadh, gun ordugh, Bha reull nam ban oga Fo dhoruinn ’s fo spàirn:— “A Thearlaich mhic Sheumais, ’Ic Sheumais nan cùirtean, Mo leon-sa do chrùn ’bhi Air ùmaidh gun euchd; Mo leon-sa na treun-laoich, Cha ’n éirich ’s cha dùisg iad A trom-chadal dùint-shùileach, Udlaidh an éig! Cha ghlac iad an lann anns A’ champ ri uchd nàmhaid, Cha sgap iad fir Shasuinn Mar asbhuain ’sna blàraibh, Cha ’n fhaic iad do bhratach, ’S cha ghlac iad air laimh thu;— Ni sàile ’s am bas Bhur fad fhagail o chéil. “A Thearlaich mhic Sheumais, Ma dh’ fheumas tu triall uainn, Gu ’n coimhead do Thriath thu Bho fhiaclan nan daoi; Gu ’n stiùir e an iùbhrach Thar dlù-thonnan liath-ghlas, Gu réidh-shligeach, dian-shiùbhlach, Fior-luath gu tìr! Gu ’m boillsg anns an oidhch’ ort Na soillsearan neamhaidh, Gu h-iùlmhor ga d’ ghiùlan Gu tùbh anns nach feum thu ’Bhi t’ fhogarach bronach, Fo chomhdach mar reubalt, Aig allamharach éitidh, Neo-spéiseil gun chlì! “O, Alba! tha ’n t-àm aig Do cheannsa bhi dortadh,— Do Phrionns’ uat air fhogradh, ’S do laochraidh ’san uaigh; Bidh cronan do phioban A’ sior-dhiùltadh ceoil dhut, ’S do chlarsairean rò-mhilis Dòimheach gach uair: Bidh cruitearan sgiathach Nam fior-chrannaibh sàmhach, Cha doirt iad an ceileir Am broilleach mo Thearlaich, Cha dùisg iad na treun-laoich A dh’ eug anns an àraich, ’S cha mhosgail am bas dhaibh Air airdead am fuaim. “’Se chuibhle dhol cearr oirnn A dh’ fhag sinn ’san àm so Fo smàdadh nan Gall Ann an calldachd na cùis’; Na ’n robh cothrom na Féinn’ Aig na treun-laoich ’san teanndachd, Bu roinn-bhiorach lann daibh ’Cuir naimhdean an cùil: Mu ’n d’ fhaod iad ’bhi shios Bhrùchd sian as na speuran, Gu trom-fhrasach, lom-sgaiteach, Steall-bhras na ’n eudann, Fo riasladh is fiadh-bhuirich Iargalt nam beur-ghunn’;— Cha d’ fhaod na fir ghleusda Bhi reubadh le sùrd. “Ach soraidh, mo Phrionns’, leat A dh’ ionnsaidh na h-uaghach, ’S mo bheannachd gach uair leat, Fhir uasail nan srol! Cha slanaich ri m’ aimsir Mo shearbh-lotan cruaidhe, ’S cha dùisg mi bho smuairean Ri duan no ri ceol: Bidh ùr-luibhean samhraidh A’ danns’ air an réidhlein, Is caileachd gach dùil Mar is dù dhaibh na ’n céitean, Ach domhs’ cha ’n ’eil solas Ach dorainn is léireadh, Gun Tearlach mac Sheumais, Mo chéille na ’m choir!” Ach stad i; ’s le ’ros-bhilibh Phog e a’ mhaighdean, A’ siabadh gu caoimhneil Na deoraibh o ’sùil:— “Glac solas, a Fhloraidh, Tha oganaich Fhrangach A dh’ éireas neo-ghann leam A bhuannachd mo chrùin; ’S theid lasgairean fearg-ghlonnach Albainn a’ dhùsgadh, Le ’n trusganan balla-bhreac, ’S an armaibh math dùbailt; Theid cath-thromp nan Garbh-chrioch Le borb-sgread ’sa bhùraich, ’S bidh trupairean ciùrrte Gun lùgh anns gach cùil!” Ach dh’ fhag e i caoineadh Na h-aonar air fàireadh, Is sheol e ’sa bhat’ uaip A’ fàsgadh nan dorn: Bha ’cliabh air a lionadh Le iargain a’ sgàineadh, ’S i airtneulach, ànrach, Gun mhànran, gun cheol; Laidh fuar-dhealt na h-oidhch’ Air a’ mhaighdein ghlain aluinn, ’S a’ h-inntinn gu luaineach Air chuan mar ri Tearlach, Cha ’n fhac i e tuille Gu ’bhuillean a phaigheadh, Ach mhiadaich a gradh dha Gach la ’bha i beo! Ceartachadh. Ann an “Stuth na Beatha” thachair gun robh tiorma air son tioram, agus casadh-fhiacail air son casadh-fhiacal, ach cha do mhìll sin an sgeulachd. Bas. Aig Loch Bhlackett, Sydney Forks, air an t-seachdamh latha dhe ’n Mhaigh, Uillena, nighean ghradhach Ruairidh Mhic-Coinnich, an t-eildear, bliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A. T. GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla do Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50. Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid. D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaichc, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of tha Clans of the Scottish Highlands, by. R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan (colored plates) 2.25 Tho Gaelic names of Plants by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith do na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 249] [Vol. 10. No. 33. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi màireach.” VOL X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 20, 1902. No.33. Suiridhe a’ Mhadaidh-ruaidh; NO ’SI ’N ONOIR A BHEIR BUAIDH. SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH. (Air a leantuinn.) ACH faiceamaid a nis ciod a dh’ éirich do ’n chù. Bha ’n toll anns na thuit e tuille ’s cumhann gu tionndadh ann, agus chuir an leac a chàirich an sionnach air beul an t-sluic, as a chomas faotainn a mach le streapadh. “Mur teid sinn air ar n-ais,” ars’ an cù, ”feuchaidh sinn dol air ar n-aghaidh,” agus le mor strìth dh’ oibrich e rathad air aghaidh tre ’n t-sloc gus an d’ thainig e gu uaimh mhor, fharsuing, réidh, far am fac e na chuir iongantas gu leòir air. Bha ’n so de dh’ òr ’s de dh’ airgiod na dh’ fhóghnadh do rìgh, agus de chlachan riomhach, loinnearach, na bha dealradh cosmhuil ris a’ ghréin; ach am meadhon na h-uaimh bha uile-bhéisd mhor uamhasach na ’suidhe, beithir sgiathach, agus cha b’ e sealladh blàth a thug i air a’ chù. “’Dé thug an so thu?” thuirt ise, “an ann a ghoid mo stòrais a thainig thu? thig an so—là t’ athar ’s do sheanar dhuit, a mheirlich! bheir mis’ ort nach toir thu an oidhirp cheudna ’rithist—thig an so!” “Cha ’n ann a ghoid do chodach a thainig mise,” thuirt an cù, “agus nam b’ aithne dhuit mi cha tugadh tu a leithid do mhì-mheas orm—’s ni e nach d’ rinn beathach no duine orm riamh roimhe, agus ni nach ’eil gnothuch agadsa dheanamh nis mò.” “’S ann agad tha ’bhathais, a bheathaich pheallagaich, robaich, fhad-chluasaich,” ars’ an uile-bheisd ’s i séideadh gu h-eagalach ’s a sùilean a’ lasadh le feirg; “nach ’eil fhios agad gur h-urrainn domh do phronnadh fo m’ chasan ann am prioba na sùl?” “Faodaidh tu sin a dheanamh, gun teagamh,” ars’ an cù, “ach cha bhiodh e ach gle nàr, allanta dhuit sin a dheanamh ’s tu na ’s mò na mise—cha d’ thug mi fein aghaidh air aon riamh bu lugha na mi fhein; agus ’s ann a b’ fhearr dhuit an rathad a sheòladh dhomh gu uachdar an talamh—’s ann an sin tha ’mhiann orm a bhi—tha fior dhéigh agam air tilleadh ann car tacain co dhiu, gu aon deagh phabadh a thoirt do bhéisd shionnaich a thug droch car asam an diugh fein;” agus an sin dh’ innis e gu lom soilleir do ’n nathair sgiathaich mar a dh’ eirich dha. “Am fan thu,” ars’ an nathair sgiathach, “gu bhi á d’ fhear-muinntir agamsa?” “Cha ’n fhan mi féin,” thuirt an cù. “Mur bi thu a d’ fhear-muinntir agam,” ars’ an uile-bheisd eagalach, “bidh tu a d’ lòn feasgair dhomh. Gun dol a null no nall freagair mi, am fuirich thu ’n so á d’ òglach agamsa? freagair mi a thiota—ciod tha thu ’g ràdhainn?” ars’ ise le colg eagalach ’s i ’fosgladh a mach a sgiathan oillteil, ’s teine-sionnachain a’ sradadh as a sùilean, ’s a craos dearg fosgailte. “Labhair,” ars’ ise. “Mur ’eil dol as,” fhreagair an cù, “cha ’n ’eil comas air, fanaidh mi.” “Thoir dhomh crathadh do d’ spòig air a’ chuis, mata,” ars’ an nathair sgiathach. “So dhuit i,” ars’ an cù; “cha do gheall mi rud riamh ris nach do sheas mi, ’s nach do choimhlion mi a réir mo chomais.” An sin dh’ innis an nathair sgiathach dha gu ’n robh moran do bheathraichean-nimhe, nathraichean grànnda, bha ann an seòrsa de chàirdeas fad as d’a theaghlach-sa, a bha ’sior fheuchainn ise mharbhadh, a chum ’s gum faigheadh iad a beairteas, nach robh fois aice a là na dh’ oidhche leò, ’s gur h-e bhiodh mar obair aige-san faire dheanamh nuair a bhiodh ise, an nathair-sgiathach, na ’cadal, agus a dùsgadh nuair a thigeadh na uathraichean-nimhe grannda ’mach as na sluic. Gheall an cu a dheanamh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Phaisg an nathair a sgiathan, tharruing i a h-earball mu thimchioll a cinn. Bha ’n cu gle thùrsach, throm, ’s an t-acras air cuideachd. Chunnaic e meall mor feòla agus moran chnàmh ann an oisinn do ’n uaimh, agus thug iad uisge air ’fhiaclan a bhi ’g amharc orra; ach o nach d’ fhuair e cead an itheadh cha do bhean e dhaibh; chuir e roimhe bhi iònraic, onorach mar bha e riamh, agus rinn e faire re na h-oidhche. Thainig na nathraichean nimhe uair is uair ach rinn an cu tathunn daonnan, dhùisg a’ bheithir-sgiathach, agus cho luath ’s a chrath ise i féin, theich iadsan air falbh. ’Sa mhaduinn bha ’bheithir-sgiathach moran na bu chaoimhneile ris a’ chu, thug i dha a shàth r’a itheadh, agus labhair i ris le bàigh. Chaidh latha ’s là mar so seachad, an cu a’ fuireach dìleas, agus a’ bheithir-sgiathach a’ faighinn deagh chadail, gus mu dheireadh aon oidhche ’n d’ thainig measan beag bòidheach, ballach, donn a stigh do ’n uaimh, agus thòisich e ri moran miodail is beadraidh a dheanamh ris a’ chu. “’S duilich leam,” ars’ am measan, “fear do choltais fhaicinn na ’leithid so do shloc, á d’ thràill aig a’ bhéisd ud; falbh thusa leamsa ’s bheir mi an uine ghoirid gu uachdar an t-saoghail ’s gu d’ chàirdean fein thu.” “’S mi bhiodh deònach aighearach,” ars’ an cu, “ach gheall mi do ’n bheithir sgiathaich fuireach á m’ fhear-muinntir aice, thug mi dhith mo spòg air a’ chuis, cha ghabhainn an saoghal agus m’ fhacal a bhristeadh, éireadh dhomh mar thogras, bidh mi dìleas.” “An toir thu dhomh,” ars’ am measan, “cuid do na cnàmhan ud r’a itheadh ’s an t-acras ga m’ tholladh?” “Nam bu leam fein iad,” ars’ an cu, “b’e do bheatha mìle agus mìle uair, ach buinidh iad dh’ ise do na gheall mi bhi dìleas, agus cha chuir mise làmh air cuid duin’ eile airson ni air bith,” ars’ an cu. Dh’ fheuch am measan moran brìodail is miodail, ach cha ghéilleadh an cu a bheag no mhor, gus mu dheireadh ’s mu dhiù, ann am prioba na sùl, am d’ fhàs am measan beag bòidheach, ballach, donn, na ’nathair mhor stiallaich, làbanaich, shleamhuin! a sùilean mar an teine, gach fiacail na ’craos mar scolb tighe, agus an caramh a’ choin ghabh i. Thug an cu bochd sgal cruaidh as, agus gu fortanach dhàsan dhuisg a’ bheithir-sgiathach, ’s cha b’ ann a chrathadh a cluasan, no ga tachas féin a dh’ fhuirich i, ach an tiota na boise bha i air a bonnaibh ’s an sàs san nathair mhóir. B’e sin an cath, ’s cha ’n fhacas a leithid. Bha sgreadail is sgriachail is raoicich is rànaich, srannraich agus séidil oillteil, ni ’s leòir chum na creagan a sgoltadh, agus a thoirt air bras-shruthaibh an aonaich stad a dh’ eisdeachd. Bu duilich a ràdhainn có bu treasa, ach mu dheireadh fhuair an nathair-nimhe lùbach, làbanach air muin na beithir-sgiathaich, agus bha i ga ’suaineadh féin na ’cuairt eagalaich mu ’timchioll, le fead agus séidil choimheach, nuair a leum an cu agus le ’uile neart shàth e ’fhiaclan ann an earball na nathrach. Cho luath ’s a mhothuich ise dha so, ghrad thionndaidh i mu ’n cuairt gu cur as da, ach mu ’n d’ rainig i an cu bha a’ bheithir-sgiathach air a cois agus ann an amhach na nathrach-nimhe; ghleidh i greim air a sgòrnan gu teann, treun, gu dluth, dìonach, gus nach robh sgrid innte. Nuair a bha ’n comhrag seachad, thug a’ bheithir-sgiathach mìle agus mìle taing do ’n chu; dh’ innis i dha gu ’m b’e sud righ nan nathraichean-nimhe, gu ’n robh comas aige air a chruth atharrachadh mar a thogradh e, agus na ’n géilleadh an cu ann an aon ni no ni eile, gu ’n grad sgriosadh e iad le chéile; “ach tha mi ’faicinn nach ’eil dion ann cosmhuil ri dìlseachd agus ri h-onoir. A nis,” ars’ ise, “cha ’n ’eil feum tuilleadh agam air do sheirbhis, leigidh mi fhaicinn duit an rathad gu uachdar an t-saoghail, agus o’n tha thu cho dìleas dòmhsa, bheir mi dhuit seòladh no dha a ni thu comasach air bhi suas ris an t-sionnach chuireideach, carach, seòlta ’s ge bheil e.” “Gu robh math agaibhse,” ars’ an cu, “tha mi fada ’nur comain, ach ’s coma leam cuir is cleasan, cha d’ fheuch mi riamh iad ’s cha ’n fheuch , cha chreid mi nach fhaigh ionracas a’ chuid is fearr do na cuilbheartan a’s mò aig a’ cheann mu dheireadh.” “Gabh do dhòigh fein air, ma ta,” ars’ a bheithir-sgiathach. “Slan leat! Chuir thu comain mhor ormsa ’s cha di-chuimhnich mi dhuit e ma thig do ghnothuch a m’ charamh.” Fhuair an cu a chas air lóm aon uair eile; ghrad dh’ fhalbh e gu tigh a’ chait agus ge b’ fhada bhuaithe cha b’ fhada ga ’ruigheachd. Nuair ràinig e thuig e gu ’n d’ rinn an sionnach a leithid de chàineadh air ’s gu ’n robh gach beathach ’sa bhaile ann am fuath air. Cha togadh an cat sùil no mala ris, agus cha’n iarradh i cuideachd air bith ach cuideachd an t-sionnaich a bha gach mionaid r’ a gualainn. Bha tuille spioraid ’sa chu na gu ’n cuireadh e na ’comas a dhiùltadh, ach nuair a chunnaic e ’n sionnach aig an uiuneig a’ toirt [TD 250] [Vol. 10. No. 33. p. 2] pòige dhi, ise le a spòig ghil bhòidhich a’ cìreadh earball ruadh dosrach an trusdair, ghabh e fearg nach bu bheag, agus ghlaodh e ris a’ bhalgaire charach, “A shloightire chuil-bheartaich, bhreugaich, ma tha a chridhe agad thig a mach an so ’s bheir mise aon fhàsgadh air do chnàmhan a ghleidheas tu gun do chuireidean fheuchainn air cu eile ’n da latha so! ’Bheil a chridh’ agad tighinn, a bhradaire chealgaich, mheirgich, ruaidh?” Chuir an sionnach a theanga na ’phluic, chuir e ’n sin a spòg air a shròin, chaog e shùil, chuir e draoin air, agus an sin dh’ fhàg e ’n uinneag gun tuille feart a thoirt air a’ chu. “Cha ’n ’eil fhios am faigh thu as mar sin fhathast ge cuireideach thu,” ars’ an cu. Dh’ fhalbh e agus luidh e aig bun craoibhe bha dluth do ’n tigh, a’ cur roimhe nan cuireadh an sionnach a chas air blàr lóm gu ’n tugadh e aon deagh chrathadh dha. (Ri leantuinn.) Iain Mor nan Ord. LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. CAIB. VII. CAOCHLADH CRUTH A GHLINN GHUIRM—NAIGHEACHDAN SEARBHA IS TAGAIRTEAN URA. IS tìm dhuinn a nis tilleadh agus feuchainn ri lorg fhaotainn air na gaisgich a dh’ fhàg sinn gu sunndach a gabhail na slighe do ’n Ghleann Ghorm, seann dachaidh Iain Mhóir. Tha fios againn uile nach ’eil e idir soirbh tighinn suas ri gaisgich Ghàidhealach nan osan ghearr, an uair a shìneas iad a chas tarsuinn mhonaidhean garbha an dùthcha. Cha bu toigh leinn feuchainn ris a ghniomh, ach a mhàin le biorain an àigh, am peann. An deigh iomadh ceum fhàgail na ’n déigh, ràinig na fir, air feasgar blàth grianach samhraidh Bearradh Sìth, maol bheinn ard os cionn a Ghlinn Ghuirm, far am faighteadh sealladh air gach bothan dìblidh ’s air gach ni mu ’n cuairt. Is minig a shuidh Iain air a charn a bha na ’mullach, a cur fàilt’ air gleann a ghràidh, air a thilleadh dhachaidh thar a chuairtean anns na tìmeannan a thriall. B’ àbhaist dha ’chridhe aig na h-amannan so at na ’chliabh, le gaol do ’n ghleann bhoidheach ’san d’ fhuair e àrach. Bidh sinn daonnan an uair a tha sinn òg ag amharc le farmad air daoine ’chi sinn a falbh ’s a tighinn air feadh an t-saoghail mar a thogras iad, agus bidh sinn a gabhail fadachd gus an tog sinne na sgiathan cuideachd, air son an seann nead fhàgail agus na geimhlean gràineil a tha ga ’r ceangal a bhristeadh. Cha bhi fios againn an uair sin gur geimhlean gaoil iad, agus nach teid sinn fada air adhart ’san t-saoghal an deigh am bristeadh an uair a bhios sinn sgìth dhe sheol, agus aonaranach am measg mhìltean sluaigh. An uair a threigeas gach bann, bidh sinn an uair sin a sealltainn air ais le tlachd air gàireachdaich is deòir nan laithean a dh’ aom, agus a tionndadh agus a meòrachadh ann an seòmraichean na h-inntinn na cuimhneachain bheaga tha agus a bhitheas air uachdar gach ni bhios sinn a cumail ’s na seòmraichean diomhair so. Bha fios aig Iain Mór air a so, agus bha smaointean car mar so ag eirigh suas na ’inntinn, na ’sheasamh air mullach Bearradh Sìth air an fheasgar shèimh shamhraidh ud. Thionndaidh e ’shùilean mar bu ghnàth le toileachadh air a Ghleann Ghorm, far am b’ àbhaist da na bothain bhòidheach fhraoch-thubhte fhaicinn, ach co dhiubh ’s e ghrian a bha na shùilean no ma dh’ fhaodte deòir cha bu léir dha ni. Shuath e ’shùilean, ’s thionndaidh iad a rithist gun sgleo, gun smalan air a ghleann, ach cha robh tigh ri fhaicinn, guth ri chluinntinn, no ni, ach sàmhchair mharbh a riaghladh far am b’ àbhaist farum is fuaim bheò a bhith ’g éiridh mar fhianuis air bith an luchd-àitich. “Cha ’n e so an Gleann Gorm idir!” ars’ Eachunn; ’s e tha ’n so gleann fàsail, gun taigh, gun duine, gun ni ach làraichean dubha ri fhaicinn ann. Nach neònach leam thu ’dhol iomrall, Iain?” “Cha deachaidh, cha deachaidh sinn iomrall idir, Eachuinn; cha ’n ’eil an Alba ach aon Bhearradh Sìth, agus tha e fodh ’r casan, agus ged tha iomadh gleann gorm ann ’s e so mo Ghleann Gorm-sa. Ach mo chreach! mo chreach! c’ àit’ a bheil luchd mo ghaoil? Is eagal leam gu ’n d’ fhuair clann a Bhùidsear (saighdearan Diùc Chumberland) a mach e, ’s nach ’eil ann ach làraichean dubha gun teagamh, Eachainn. O,” ars’ Iain, “nach robh gach fear a ghabh pàirt na d’ mhilleadh-sa, ’ghlinn àillidh, ’sa ghlaic so shios. Nach mise, na ’m b’ urrainn mi, a chaitheadh le m’ uile chridhe Beinn Nibheis mu ’n cinn. Ach, Eachuinn, ’s faoin mo bhriathran. An ni dh’ fhalbhas cha ’n e dh’ fhoghnas. Agus ma dh’ fhaodte gu bheil iad uile beò slàn an daingnichean nam beann.” Mar a dh’ ainmicheadh cha robh bean no clann no bann dlùth gaoil aig Iain Mór ’sa Ghleann, ach air a shon sin bha bannaibh làidir eile ann; ma ’s e na creagan fhein a bha ’sa Ghleann Ghorm bha bàigh aige riutha nach robh aige ri creagan eile, agus is gann nach robh e creidsinn gu ’m faiceadh e aoidh orra nach fhaiceadh e air creagan àite sam bith eile. B’ ann mar sin le cridhe brùite ’dh’ fhàg e Bearradh Sìth le ’charaid, agus a ghabh iad sios a shealltainn air na làraichean dubha bha ’n àite nam bothan comhfhurtail a dh’ fhàg iad o chiònn ùine cho gearr. Bha iad le cinn chrom a falbh o làraich gu làraich, is cuimhneachain ùra ag éirigh mu choinneamh inntinn Iain aig gach aon diubh, a bha fàgail a dhùrachd searbh do dh’ ughdair na h-obair dhuibh a bha mu choinneamh. Thug guth Eachuinn Iain Mór uige fhein, air dha ’chluinntinn ag radh, “Tha ’n oidhche tighinn, ’s gun taigh an sealladh; nach fhearr dhuinn ar n-aghaidhean a chur air taigh a chiobair. Ma dh’ fhaodte ’thaobh e ’bhith iomallach gu bheil e sàbhailte, ’s gu ’m faigh sinn cuid na h-oidhche agus fiosrachadh uaithe mu d’ chàirdean.” Dh’ eirich Iain bhar an t-seann innein aige fhein an làrach na ceardaich agus dh’ aontaich e leis, is thòisich iad air dìreadh na beinne gu taigh a chiobair. Bha ’n òige aig Eachunn, agus ged a bha co-fhaireachdain laidir aige ri charaid, bha ’fhuil a ruith le farum blàth an earrach a h-òige na ’chuislibh, agus a chridhe sireadh a chompanaich le ordugh làidir nàdair. Mar sin bha smaointeanan àraidh eile tighinn a stigh air gle thric, oir bha iomhaidh Maili na h-Uamha na ’chadal ’s na dhùsgadh daonnan mar-ri Eachunn òg, agus bha mar sin fior thoil aige faighinn dlùth dh’i, agus bha e smaointean gu ’n cluinneadh e o’n chiobair rudeiginn mu theaghlach na h-uamha. Anns a ghlòmanaich rainig iad bothan a chiobair agus rinn iad toileachadh gu leor ri solus beag fhaicinn troimh ’n dorus, a bha gu fialaidh, fosgailte mar bu ghnàth. Fhuair iad am fàilteachadh gu blàth, ’s an ùine ghearr chaidh an seorsa b’ fhearr a bha stigh a chur na ’n tairgse gu fialaidh, biadh air an robh iad gu math feumail, agus a dh’ fhàg an t-acras gu math blasda. An uair a fhuair iad an sùilean na b’ fhearr, thug iad an aire do chuideigin na ’shìneadh air leabaidh an oisean mu ’n coinneamh. Dh’ aithnich iad o ghearain gu ’n robh an neach a bh’ ann air a dhroch leon, no ’fulang cràdh mor, ged a bha e ’cumail air cho math ’sa b’ urrainn dha. Fhuair iad, air dhaibh an t-acras a chiosnachadh, a mach iomadh naigheachd o’n chiobair, agus dh’ innis e dhaibh gu ’m b’ e an t-òganach so, a bh’ anns an leabaidh, na bha beò de theaghlach na h-uamha ach ma dh’ fhaodte an aon phiuthar, ’s gu ’m b’ fhearr dhith bhith ’san uaigh fhein, mur an robh i innte, na bhith ’n lamhan nan naimdean. Bha ’n dorchadas càirdeil a falach gnùis Eachuinn òig o shùilean chàich. Air dha so a chluinntinn leum fhuil le ruais na ’cheann, a bodhradh a chluas, agus a cheart cho luath dh’ fhàg i e cho bàn ris an anart, ach cha dubhairt e guth. Dh’ innis an sin an ciobair mar a dh’ eirich do theaghlach Ruairidh Ghlais o ’n a dh’ fhàg iad an Gleann Gorm. “Tha fios agaibh fhein,” ars’ an ciobair, “gu ’n robh dithis de mhic Ruairidh leis a’ Phriònnsa, ’s bho nach cualas iomradh orra roimhe so ’s ni cinnteach nach ’eil iad beò. Dh’ fhàn càch comhladh ri ’n athair, ’s e fàs breòite, ged nach b’ ann le ’thoil, agus o chionn beagan ùine chaidh triùir air turus riatanach o ’n dachaidh ’s cha do thill iad riamh. Ghlac an naimdean furachail iad, ’s cha de nochd ’s cha de dh’ iarr iad trocair, ach tuiteam ’s an airm na ’n lamhan ’s an aghaidhean air an nàmhaid. Cha robh stigh mar sin ach an dithis, Maili agus Ruairidh òg, a bha car tinn ’san àm, ach air a shon sin chuir e roimhe o nach robh bhràithrean a tilleadh gu ’m falbhadh e ga ’n sireadh, no co dhiubh feuch dé dh’ eirich dhaibh. Fhuair e air ais sàbhailte leis an sgeul bhrònaich, mu chrioch a bhràithrean gaisgeil, agus mar a bhios trioblaidean an t-saoghail so buailteach air aon air a leig iad làmh a mhùchadh le ’n àireamh, cha luaithe chuala ’n seann ghaisgeach Ruairidh glas, mu ’n sgeul mhuladach a thug Ruairidh òg ga ’ionnsuidh na thuit e seachad, ’s bha ’n lòchran treun a sheas iomadh stoirm agus cruadal nach gabh innseadh air a mhùchadh gu bràth, ach a nis,” ars’ an ciobair còir, “a tha boillsgeadh, tha mi ’n dòchas, na ’reul do-mhùchte gu sèimh os cionn stoirm dhuaichnidh agus faoineis an t-saoghail so, mar ri grian ghlòrmhor nam flaitheas.” Cha robh nis beò ach Ruairidh òg agus Maili. Agus air aon latha dh’ fhàg iad an uamha aonaranach, a bha nis air fàs gràineil leotha mar an ceudna, is ghabh iad sios guala na beinne gus a dhol do thaigh a chiobair, le ’chuireadh fialaidh fhein, an rùn fuireach ann gus am biodh na làithean garbha so seachad, ’s am faigheadh Maili gu dachaidh caraide an cearn eile dhe ’n dùthaich. Ach cha robh iad fada triall do ’n ionad fhasgaidh so nuair a thuit iad gun fhios gun fhaireachadh ann an lamhan buidheann de shaighdearan Chaiptean Eanruic, a bha ’g amharc a mach air an son. Chuir Ruairidh òg iomadh dearg-chot’ gu làr, ga ’dhion fhein ’s a pheathar, mu ’n do thuit e le iomadh lot creuchdach. Thugadh air falbh Maili ’s cha robh fios c’ àite, ’s dh’ fhàg iad a bràthair far an do thuit e, an dùil gu ’n robh e glan mharbh. B’ ann mar a their sinn, le tuiteamas, a thainig an ciobair an rathad air a stiùireadh le lamh Dhé fhein, far an robh ’n t-òganach leònte, agus le dichioll agus innleachdan fhuair e e da bhothan fhein, agus a nis le ’aire mhath fhein ’s a dheagh mhnatha bha Ruairidh òg air slighe na slàinte, ged a bhiodh iomadh latha fhathast mu ’n leumadh e feithe ’sa mhonadh. Is gann a b’ urrainn Eachunn fois a ghabhail an oidhch’ ud le bruaillein inntinn, agus na ’n dùineadh a shùil idir b’ ann gu bruadar air Maili—daonnan a togail a lamhan ris a guidhe air gu dùrachdach tighinn ga ’sàbhaladh á lamhan [TD 251] [Vol. 10. No. 33. p. 3] nan Sasunnach. Dh’ eirich e gu math moch ’sa mhaduinn, agus an uair a ghabh e greim bidh rinn e air son taigh a chiobair fhàgail. Dh’ fhàg e slàn aig na bha stigh gun innseadh dhaibh c’ àit’ an robh e dol, agus ghabh e suas far an robh Iain Mór air mullach Creag-nan-gobhar ag amharc air laraichean dubha Ghlinn Ghuirm. “C’ àite cho tràth so, Eachuinn? Cha chreid mi fhein nach ’eil turus fada fa near dhut, a reir mar tha do bhreacan ag inuseadh dhomhsa.” “Ma dh’ fhaodte gu ’m bi thu magadh orm, Iain, an uair a dh’ innseas mi dhut,” ars’ Eachunn, “nach ’eil fios agam fhein gu robh mhath c’ ait’ a bheil mi dol, ach tha fios agam c’ arson a tha mi falbh. Chuala tu ’n raoir mu Mhaili ’s mar a dh’ eirich dh’i. Ma dh’ fhaodte gu ’n robh amhrus agad roimhe so gu ’n robh meas mor agam oirre. Cha bhi gillean òga ag aideachadh nan gnothuichean so ach ainneamh, ach a nis, an uair a ghàbhaidh, cha ’n ’eil nàire orm innseadh dhutsa, mo charaide, gu bheil gaol mo chridhe agam air Maili. Cha robh fios agam fhin dé uiread gus an cuala mi mu ’n mhi fhortan a thainig na ’rathad, agus a nis cha ’n urrainn mi fois no tàmh a ghabhail gus am faic mi sàbhailt i, no gus am bi mi gun chli, gun reusan. Cha ’n ’eil fios agam c’ àit’ a bheil i, no ciamar a gheibh ma gheibh mi gu bràth i; ach shàbhail i-fhein mise roimhe, agus ni mise nis na ’s urrainn mi gus ise shàbhaladh o na brùidean aig am bheil i. Agus a nis, a charaid, slàn leat. Tha dòchas agam gun tachair sinn fhathast, an uair a bhios ar grian na ’s dealraiche na tha i nis.” “Air do shocair, Eachuinn, air do shocair, sinn a thachras; ach, fhir mo chridhe, cha do dhealaich sinn fhathast! Tha gaol agamsa air Maili cuideachd, (thug Eachunn sùil ghruamach air) mar,” ars’ Iain, “tha agam air gach òigh Ghaidhealach, ged nach ’eil teinntean na h-òige cho teith na m’ chliabh ’sa bha; ach tha iad teith gu leor an aghaidh naimhdean mo duùthcha, agus tha connadh gu leor gus am beothachadh mu choinneamh mo shùilean ’s na lasraichean dubha sin an gleann mo ghaoil,” ars’ Iain, ’s e tionndadh a shùl air a Ghleann Ghorm. “Agus a nis, Eachuinn, an robh thu fhein a smaointean gu ’n robh mise dol a shuidhe le cuigeil ri taobh bean a chiobair an so, an uair a bhiodh buille chruaidh ri ’bualadh air son nighinn Ghaidhealach sam bith. Tha ’n ’gille glas’ sgaiteach fhathast, agus ciocrach, agus taing do Dhia an gairdean so treun fhathast air a chùl. B’ ann a smaointean air mi-fhortan Maili a bha mi an uair a thainig thu, agus air gluasad air a sàilleabh. Ach ma thachras i rium, Eachuinn, gun thusa comhladh rium, dé na comharran leis an aithnich mi i? Nach robh thu ’g radh gu ’n robh i fiar shùileach, ’s gu ’n robh sron mhor cham aice?” “Cha dubhairt mi guth riamh dheth!” ars’ Eachunn gu feargach. “Tha sron bheag dhìreach, bhòidheach aice, agus da shùil cho soilleir ri da rionnaig, agus—” “O, ni sin an gnothuch,” ars’ Iain Mór ’s e deanamh gàire; “’s tu fhein a ghabh am beachd oirre ’san dorchadas! Ma dh’ fhaodte gu ’m b’ iad da shùil cait Ruairidh Ghlais a chunnaic thu ’dearrsadh ’san dorchadas!” Rinn Eachunn gàire. “O, Iain Mhór,” ars’ esan, “cha do dh’ fhàs thusa uiread ’sa tha thu idir gun amharc gu dlùth air da shùil shoilleir an idir a thachradh iad riut.” “Cha ’n ’eil mi ’g radh nach ’eil thu ceart an sin, Eachuinn,” ars’ Iain. “Ach suidh an so tiotadh gus am fàg mise slàn aig a chiobair chòir ’s aig a mhnaoi, ’s an cuir mi facal no dha an cluais Ruairidh òig, ’s bidh shin a falbh ris a mhonadh.” An uine ghearr thill Iain Mór air a chrioslachadh airson turais, is mulachag tharbhach chàise o bhean a chiobair an sgioblachadh a bhreacain. Le ceum sunndach ghabh iad sios a bheinn ’s chuir iad an aghaidhean air campaichean nan Sasunnach. A dol seachad air a Ghleann Ghorm, ’s iad a dian chomhradh, ciod a b’ iongantaiche leotha na ceann crasgach dubh fhaicinn ag éiridh á tom fraoich, ’s an ath mhionaid chaidh am fàilteachadh an cainnt chruaidh nan Sasunnach. (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. ALADIN. CAIB. II. THUG an draoidh Africanach an aire gu ’n do thoisich mathair Aladin ri caoineadh an uair a chuimhnicheadh Mustafa dhi, agus ghrad thug e staigh seanachas eile. Thionndaidh e ri Aladin, agus dh’ fheoraich e dheth de h-ainm dha. “Is e Aladin a theirear rium,” ars’ esan. “Seadh, Aladin,” ars’ an draoidh, “ciod an obair a tha thu ’leantuinn? Am bheil thu aig ceird sam bith?” An uair a chual’ Aladin na ceisdean so, chrom e ’cheann, agus bha naire gu leor air an uair a fhreagair a mhathair agus thuirt i: “Cha ’n ’eil ann an Aladin ach balach gun fheum. Fhad ’s a bha ’athair beo, dh’ fheuch e cho math ’s a b’ urrainn e ri thoirt air an taillearachd iònnsachadh, ach dh’ fhairlich sin air. Agus o ’n a dh’ eug ’athair, tha e ’caitheamh na h-uine gu diomhanach air na sraidean mar a chunnaic sibh e, a dh’ aindeoin na tha mise ’deanamh de chomhairleachadh air, agus gun e ’toirt fa near idir gu ’m bheil e nis air a dhol thar aois leanabais; agus mur toir sibhse air naire ’ghabhail dheth fhein, agus sgur dhe ’n doigh a th’ aige, cha ’n ’eil dochas agamsa gu ’n tig e gu dad a dh’ fheum dha fhein no do dhaoin’ eile ri ’bheo. Tha fhios aige nach d’ fhag ’athair fortan sam bith aige, agus tha e ’g am fhaicinn-sa ’feuchainn ri biadh a chosnadh le bhith ’sniomh chotain a h-uile latha. Air mo shonsa dheth, tha mi suidhichte gu ’n cuir mi ’mach as an taigh e lath’ eiginn, agus gu ’n leig mi leis a bhith ’g ulluchadh air a shon fhein.” An deigh do mhathair Aladin so a radh, thoisich i ri sileadh nan deur gu frasach. Agus thuirt an draoidh: “A mhic mo bhrathar, cha ’n ’eil e ceart dhut a bhith ’dol air aghart air an doigh so. Feumaidh tu smaoineachadh air thu fhein a chuideachadh agus a chumail suas. Tha moran de sheorsachan ceirde ann; smaoinich am bheil toil agad a h-aon sam bith dhiubh a leantuinn. Is docha gu ’m b’ fhearr leat ceird eile ’leantuinn na ’cheird a bh’ aig d’ athair. Na cum d’ inntinn ann an cleith ormsa, oir feuchaidh mi ri cuideachadh a thoirt dhut.” Ach an uair a chunnaic e nach d’ thug Aladin freagairt sam bith dha, thuirt e: “Mur ’eil toil agad ceird ionnsachadh, agus thu fhein a thoirt troimh ’n t-saoghal gu h-onarach, cuiridh mise suas buth dhut, agus lionaidh mi i leis a h uile seorsa bathair a’s fhearr na cheile; agus leis a’ bhuannachd a ni thu faodaidh tu tuilleadh bathair a cheannach, agus mar sin gheibh thu air aghart anns an t-saoghal gu measail, onarach. Smaoinich air ciod a’s fhearr leat, agus innis gu saor dhomhsa ciod a’s aill leat mi dheanamh dhut. Gheibh thu mise ’n comhnuidh deas gu cumail ri mo ghealladh.” Chord an tairgse so anabarrach math ri Aladin, gu h-araidh o ’n a bha grain aige air car obrach a dheanamh. Bha de thur ann na thug fa near gu ’n robh meas mor air na marsantan a bhiodh a reic a h-uile seorsa de dh’ aodaichean grinne. Thuirt e ris an draoidh gu ’m b’ fhearr leis a bhith ri marsantachd na ri obair sam bith eile, agus gu ’m biodh e ’na chomain ri ’bheo air son a chaoimhneis. “O ’n a tha ’mharsantachd a’ tighinn a reir do mhiann,” ars’ an draoidh, “bheir mi leam am maireach thu, agus cuiridh mi deis’ aodaich umad cho math ’s a th’ aig aon sam bith de mharsantan a’ bhaile, agus ’na dheigh sin bidh sinn a’ smaointean air c’aite am fosgail sinn a’ bhuth dhut.” Gus a’ so cha do chreid mathair Aladin gu ’m b’e an draoidh brathair an fhir a bha posda rithe, ach an deigh nan geallaidhean caoimhneil a bha e ’toirt d’a mac, cha robh teagamh sam bith aic’ ann. Thug i taing dha air son a dheadh ruintean; agus thug i earail laidir air Aladin e ’g a ghluasad fhein ann an doigh ghlic, mheasail, chliuitich mar chomharradh air a thaingealachd do bhrathair athar. Fhad ’s a bha iad a’ gabhail na suipearach, bha iomadh comhradh cairdeil eile eatorra. Bha greis mhor dhe ’n oidhch’ air a dhol seachad mu ’n d’ fhalbh an draoidh, agus an uair a dh’ fhalbh e, ghabh Aladin agus a mhathair mu thamh. Thainig e air an ath latha mar a gheall e, agus thug e leis Aladin do ’n bhuthaidh aig marsanta mor a bha reic a h-uile seorsa de dh’ aodaichean grinne a bha freagarrach air seann daoine, agus air daoin’ oga. Dh’ iarr e sealladh dhe na h-aodaichean a b’ fhearr na cheile, agus a fhreagradh air Aladin. Thagh e asda an seorsa shaoileadh e fhein a b’ fhearr, agus an sin dh’ iarr e air Aladin fear dhe ’n t-seors’ a b’ fhearr leis fhein a thaghadh. Bha Aladin cho toilichte leis an fhialachd a bha brathair ’athar a’ taisbeanadh ’s gu ’n do thagh e deise dhe ’n aodach cho math ’s a bh’ ann, agus anns a’ mhionaid cheannaich an draoidh an deise, agus phaigh e i gun fhacal a chur an aghaidh na prise. An uair a fhuair Aladin e fhein air a dheadh chomhdach o lar gu mullach, thug e mile taing do bhrathair ’athar. Gheall brathair ’athar nach treigeadh e gu brath e, ach gu ’m biodh e comhladh ris an comhnuidh. An sin thug e leis e do gach aite anns am biodh uaislean a’ bhaile ’tathaich, agus do gach aite anns an robh na buithean bu mho ’s bu bhriagha ’bh’ anns a’ bhaile. An uair a thug e e do ’n t-sraid air an robh na buithean anns am biodh iad a’ reic an aodaich bu ghrinne a bha ri ’fhaotainn, thuirt e ri Aladin: “O ’n a tha thu gus a bluth gun dail ’nad mharsanta mar a tha iad so, tha e iomchuidh gu ’m biodh tu ’dol gu tric do na buithean so, agus a’ cur eolais orra.” An sin sheall e dha na h-eaglaisean bu mho ’s bu bhriagha ’bh’ anns a’ bhaile, agus thug e leis e do na taighean-osda far am biodh marsantan agus luchd-turuis a’ gabhail taimh. ’Na dheigh sin thug e do luchairt an righ e, far an robh cead aige ’dhol; agus mu dheireadh, thug e e do ’n taigh-osda anns an robh e fhein a’ fuireach o ’n a thainig e do ’n bhaile, far an do chuir e eolas air marsantan agus air luchd-turuis eile. Gus iad so agus mac a bhrathar a dheanamh eolach air a cheile, thug e cuirm dhaibh gu leir. Bha beul na h-oidhch’ ann mu ’n do chuireadh crioch air a’ chuirm, agus bha toil aig Aladin falbh dhachaidh. Cha leigeadh an draoidh leis falbh ’na onar, agus dh’ fhalbh e comhladh ris gus an d’ fhag e aig a mhathair e. An uair a chunnaic a mhathair an deise bhriagha, riomhach a bh’ air Aladin, bha aoibhneas mor oirre, agus thug i mile taing do ’n draoidh a chionn cho fialaidh ’sa bha e. “A charaid chaoimhneil,” ars’ ise, “cha ’n ’eil (Air a leantuinn air taobh 254.) [TD 252] [Vol. 10. No. 33. p. 4] Mac-Talla. Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IUN 20, 1902. Sgrios Baile Phompeii. CHA ’n ’eil fios cinnteach c’uin a thogadh Pompeii agus Herculaneum; ach cha ’n ’eil teagamh nach robh iad ’nam bailtean mora, agus ainmeil ann an eachdraidh, fada roimh linn Chriosd. Bha iad dlùth do iochdar na beinne, an cois a’ chladaich air bàgh Naples. Bha abhainn mhor leathann agus dhomhain a’ siubhal seachad air Pompeii, air an robh luingis-mhalairt gu lionmhor a seòladh. Bha guala Bhesubhiuis air a còmhdachadh le tighean mora, riomhach, eireachdail, agus fion-liosan mu ’n timchioll, air chor agus gu ’n robh cliathach na beinne a b’ fhaisge do ’n fhairge, mar aon bhaile, mor, eireachdail, farsuing, saoibhir. Cha robh cearn de ’n t-saoghal a b’ àille agus a b’ fhallaine na so. Bha uaislean agus daoine saoibhir o gach dùthaich a chòmhnuidh ann air son an slàinte, do bhrigh àilleachd agus fallaineachd an aite. Ach ’s beag a bha fios aca mu ’n teine bha nis air ’fhadadh mu mheadhon na beinne bha os an ceannsan, agus an sgrios oillteil, eagalach a bha ’feitheamh orrasan a bha ’chomhnuidh m’ a timchioll. Air a’ 24 latha do cheud mhios an fhogharaidh A. D. 79, ’s e sin radh an naoi-deug agus tri ficheadamh bliadhna do linn Chriosd, mhothuich muinntir Phompeii neul dorcha os ceann mullach na beinne. Bha an neul so air chumadh craoibhe mhor, ag eiridh suas gu direach ceud troidh ann an àirde, gun gheug gun mheanglan, agus ’na dhéigh sin a’ sgaoileadh a geugan a mach gu fada farsuing air gach taobh. Bha an neul so air uairibh dubh, dorcha, agus ann an tiota chìteadh e dearg theinnteach, lasarrach, le gach dath tha ’sa bhogha-fhrois. Bha a’ bheinn a’ beucaich gu h-oillteil, agus air uairibh air chrith o ’bràigh gu a bunchar, co mór ’s gu ’n do thuit moran do na tighean. Ghabh muinntir na dùthcha eagal, agus thoisich iad air teicheadh, ach ’s gann a bha fios aca c’ àite. Bha frasan do éibhlibh dearga lasarrach a nis a’ tuiteam co tiugh ri clacha-meallain ’sa gheamhradh. Bha mòran do na luingis a bha ’mach ’s a bhàgh r’a theine; bha, cha ’n e amhàin dòirneagan do chlachan teinnteach a’ tuiteam as na speuraibh, a bha air an sgeith a mach as a’ bheinn, ach creagan mòra, ’s gach aon diubh co dearg ri aona chaoran a thainig riabh a mach á meadhon gealbhain. Bha ’n fhairge fo bhuaireas eagalach, a’ tràghadh an dara h-uair astar mòr a mach, agus a rithist, ann an tiota beag ag at ’s ag éiridh suas thar an fhearann ri guala na beinne, le gair agus toirm uamhasach. Bha ’n oidhche anabarrach dorcha, gun ghealach gun reull r’a fhaicinn, ach air uairibh, dhìreadh lasair àrd, agus dealradh á fìor mhullach na beinne, leis an robh an dùthaich uile air a soilleireachadh co mòr ’s ged bu mheadhon latha bhiodh ann, agus ann an tiota ’na dhéigh sin bhiodh an lasair so mar gum biodh i air a smàladh, agus thigeadh an dorchadas bu duibhe, le frasan do luaithre dhorcha agus do phronnusc, nach b’ urrainnear a sheasamh, agus leis na bhàsaich na mìltean. ’S ann le so a mhilleadh a’ chuid bu mhò do shluagh Phompeii. Tha cùnntas againn air so le neach a bha làthair agus a fhuair as, Pliny òg, ann an leabhar a dh’ fhàg e agus tha againn air mhairionn. Anns an leabhar sin tha cùnntas eagnaidh, pongail air a’ mhilleadh sgriosail uamhasach so. Bha ’n dùthaich uile air a tiodhlacadh fo ’n luaithre ghil mar gum biodh i fo shneachda. ’S ann fo ’n luaithre so agus fo na h-éibhlean so a bha Pompeii air a sgrios. A thaobh Herculaneum, thainig tuil do stuth loisgeach thairis air, mar iarunn air a leaghadh, a thainig mar abhuinn mhòr dhearg-loisgeach a nuas air an àite, agus a thug sgrios agus bàs ’na cois; ach ’s ann leis an luaithre aotruim dheirg a mhilleadh Pompeii. Bha ’n t-àite sin, air a thiodhlacadh mar a chithear tighean buaile fo shneachda; ach am baile eile mar gum biodh sligean air an tìodhlacadh ann am bunchar àth-cheilp an déigh dhi ruith. Fad shè-ceud-deug tri fichead agus sé-bliadhna deug, bha Pompeii air a chleith o shealladh an t-saoghail, air a thiodhlacadh fo ’n luaithre thainig a nuas o mhullach na beinne; agus tha os ceann ceud is da fhichead bliadhna o ’n a thòisich daoine air an luaithre so a reiteachadh agus a ghiùlan air falbh, chum sealladh a ghabhail air a’ bhaile—dìreach mar gum faiceadh tu daoine le sluasaidean a’ réiteachadh as an rathad cuitheachan sneachda, leis an robh bothain chaorach no ghobhar air an còmhdachadh an àm gaillinn. O ’n àm sin chaidh mòran airgid a chosg ann an togail air falbh na luaithre so, agus ann an réiteachadh nan sràidean agus nan tighean a bha air an cleith; agus is iomad sealladh iongatach a fhuaradh an lorg na saoithreach so. Bha dion-bhalla làidir ceithir thimchioll air Pompeii do chlachan anabarrach mòr, cuid diubh deich troidhean air fad, ceithir troidhean air leud, agus trì troidhean gu leth air tiuighead, agus am balla eadar dà agus trì fichead troidh air airde. Tha na sràidean aimhlean, ach tha cuid do na tighean fior eireachdail. Tha dealbhan air am faotainn air ballachan nan tighean, air a’ bheil gach dath co ùrar àillidh ’s ged a b’ ann a’ bhliadhna ’n uraidh a rachadh an tarruing. Tha eairneis nan tighean air chumadh agus air dhreach anabarrach eireachdail, air chor’s gur h-e ’n cumadh ceudna tha iad a nis a’ gabhail airson eairneis nan tighean a’s riomhaiche san rìoghachd. Tha na teampuill agus na tighean-cluiche farsuing snasmhor, ciatach. Tha ochd fichead acair fhearainn taobh a stigh do bhaile Phompeii. Tha eireachdas nan tighean-ionnlaid, ’se sin far am bi iad ’gam fairceadh féin, a’ toirt bàrr air aon tighean do ’n t-seòrsa so tha anns an Roinn-Eòrpa; tha na soithichean creadha gu h-àraidh, maiseach agus eireachdail. Fhuaras fàinneachan òir agus ailbheagan àillidh, le clachan àillidh annta, a tha ro-phrìseil. Anns na bùithean fhuaras buinn òir agus airgid, builinnean arain ’nan smùr; ann an aon bhuth fhuaras os ceann da fhichead bonn do dh-airgiod geal, agus ceithir cheud deug bonn do umha no do phrais. Fhuaras dealbhan a tha ’leigeil ris cuid do chleachdainnean nan lìnntean sin, a tha anabarrach iongantach gu h-àraid mu shaobh-chreideamh agus saobh-chràbhadh nan amanna dorcha sin, mu na h-ìobairtean a bha iad a’ tairgsinn, agus an dòigh anns am bu chleachdadh dhoibh so a dheanamh. Tha seòmair nan sagart r’a fhaicinn, agus na soithichean anns an robh am fion air a chumail. Os ceann ard-dorus nan tighean tha ainmeannan na feadhnach a thog iad, agus a’ cheaird a bha iad a’ leantuinn. Tha ìomhaighean agus dealbhan snaighte do gach seòrsa agus ann am mór lìonmhoireachd air am faotainn san àite so: ach tha cuid diubh a’ toirt duinn beachd brònach air cleachdainnean peacach, salach, an t-sluaigh a bha a’ tàmh ann am Pompeii—gu h-àraid dia-bréige an Oil agus na Misg, agus bain-dia a’ Ghaoil; tha na dealbhan salach sin r’ am faotainn anns gach àite. Tha mòran do na làraichean briste ann am Pompeii, a leigeas ris duinn gu ’n robh clachaireachd, saorsainneachd, agus iomad ìnnleachd eile anns na h-amanna sin co fada air an aghaidh ’s a tha iad a nis, mur robh mòran na b’ fhaide. Cha ’n eil aig banrigh Bhreatunn tigh-ionnlaid is àille na bha aig a’ chuid bu lionmhoire do mhuinntir Phompeii. Lionadh e leabhar mòr beachd ceart a thoirt air na tighean-ionnlaid sin amhàin. Bha aon tigh ionnlaid anns an robh àiteachan-snàmh do uisge teth agus fuar, dlùth air dà mhìle troidh air fad, agus coìg ceud-deug àite-suidhe do mharmor geal san àite so, agus seòmraichean airson leabhraichean anns am faodadh na mìltean suidhe a leughadh. Cha ’n eil e comasach beachd ceart a thoirt ann an cùnntas aithghearra mar so, air àilleachd agus eireachdas an àite so, anns am faodadh ochd-ceud-deug pearsa bhi ’gan ionnlad féin air an aon àm, agus seòmar fa leth aig gach aon. Tha teampuill ann airson gach dia-breige d’am robh iad ’nan aineolas a’ deanamh aoraidh; ach bha na tighean-cluiche eireachdail dreachmhor os ceann gach seòrsa eile thighean; air an togail do mharmor geal, air an snaigheadh gu h-àillidh, agus anns am faodadh deich mìle pearsa suidhe san aon am. Bha ’n t-uisge air a ghiùlan feadh a’ bhaile ann am pioban creadha, agus tha e soilleir gu ’n robh mòr phailteas do ’n uisge ’b ’fhéarr aca anns gach cearn do ’n bhaile. A réir coslais bha na sràidean aca gun chabhsair, agus le so salach, oir tha clacharain lìonmhor romhpa air am b’ àbhaist do ’n t-sluaigh dol thairis, agus iad féin a chumail as a’ chlàbar. Chladhaicheadh a stigh do thigh lighiche, anns an d’ fhuaradh gach cungaidh a bhuineadh d’ a cheird ann an soithichean gloine, agus tha cuid fhathast diubh air mhairionn. Tha tighean-fuine ann anns an robh an t-aran air a dheasachadh, lionmhor; iomad muilionn a bha air an tionndadh le neart dhaoine agus asal; agus fhuaras mòran do ni cosmhail ri ùir mhin, a thuig iad le deuchainnean, gum bu mhin chruineachd a bh’ ann. ’S ann sa’ bhaile mhòr so bha ’n duine ainmeil sin, Sallust, a chomhnuidh, a sgriobh iomad leabhar a th’ againn, agus tha làrach a thighe r’a fhaicinn. Fhuaras, mar an ceudna na h-àiteachan-amhluic anns an robh luaithre nam marbh air a càramh. Tha mòran diubh so air an togail do mharmor geal, agus air an snaigheadh gu h-eireachdail. Anns na linntibh sin bu chleachdadh leo ’sna dùthchanna m’a bheil sinn a’ labhairt, na cuirp a losgadh air griosaich mhòir do chonnadh, an luath a chruinneachadh, agus a cur ann an crogan creadha, agus sin a charamh san uáigh. Bha an teine no a’ ghriosach air an robh cuirp nam marbh air an losgadh, mòr agus cosdail, do réir saoibhreas an duine a chaochail. B’e an caraid bu dlùithe air an robh mar fhiachaibh a lasadh; agus nuair a b’ àill leo ard urram a thoirt do neach air bith, bha eich a’s crodh a’s caoraich, eoin agus columain, air an tilgeadh sa’ ghrìosaich mhòir, agus air an losgadh maille ris a’ chorp. Bha ’n luath an sin air a cruinneachadh, air a tasgaidh suas ann an soitheach creadha, latha-cuirm air a chumail, agus an sin an crog creadha air a chàramh san uaigh. ’S iomadh aon dhiubh so a gheibhear air feadh na Gàidhealtachd, anns gach cearn dhi, o’n àm anns an robh na Ròmanaich ’nam measg a thug a stigh an cleachdadh so. [TD 253] [Vol. 10. No. 33. p. 5] Fhuaras mòran do leabhraichean, air neo rolan do sgriobhadh, am measg laraichean briste Phompeii agus Herculaneum; ach air dhoibh a bhi co fada air an tiodhlacadh, tha e duilich an toirt as a chéile; tha iad mar gum biodh iad air an losgadh ann an àmhuinn. Tha nis dlùth do thri ceud rola air am faotainn; tha cuid diubh mu lusan; cuid mu chungaidhean leighis, agus moran diubh nach d’ fhuaras fhathast a mach. Ach do na h-uile ni a fhuaradh san àite so ’s iad na lòchrain àillidh eireachdail, na nithe is iongataiche. Tha iad so do gach cumadh. ’S ann air chumadh na feadhnach so tha iadsan tha nis r’ am faicinn ann am pàilliunaibh righrean an t-saoghail air an deanamh. Ach ’s éiginn stad; cha b’e ’n leabhar beag a chumadh na tha r’a innseadh mu ’n bhaile mhor so, a bha dlùth do dh’ ochd ceud deug bliadhna air a chleith o shealladh an t-saoghail; ach ann an aon oidhche thainig sgrios air. Ceart mar thachair ann an làithibh. Noah, bha iad ag ithe ’s ag òl, a’ pòsadh ’s a’ toirt seachad am pòsadh—ach thainig an tuil theinnteach orra, agus mhilleadh iad gu léir. Cia uamhasach cumhachd an teine lasaraich sin a th’ ann am meadhon na talmhainn!—Cuairtear nan Gleann. Dleasnas Cloinne d’am Parantan. THA iomadh uair òigridh deas gu bhi dichuimhneachadh nam fiachan trom fo am bheil iad gu caoimhneas agus blàthas-cridhe a nochdadh d’ am parantan. ’N uair a thòiseachas duine òg air dol a mach ann an cuideachd agus fàs eòlach air gnàthas an t-saoghail, tha e tachairt iomadh uair gu ’m bheil e’ tòiseachadh air di-meas a dheanadh air a pharantan, a’ saoilsinn gu ’m bheil e féin mòran ni ’s glice na tha iadsan, a’s gu ’m faod e air an aobhar sin tàir a dheanadh orra a’s eas-ùmhlachd a thoirt doibh. Tha e smaointeachadh gu ’m bheil e na ni fearail a thoil féin a dheanadh agus eas-ùmhlachd a thoirt dhoibhsan, ma tha an àithntean-san a’ dol an aghaidh iarrtusan. Tha dùil aige gu ’n dean so duine mòr dheth a dh’ aon bhuile, a’s gu ’m bheil e ’n a dhearbhadh gu ’m bheil tapadh air leth aige. Is tha na companaich fhaoin leis am bheil e a’ deanadh fearais-chuideachd ullamh gu leòir gu a mhisneachadh anns an droch bharail so, gus am bheil esan a bu chòir a bhi na ’bheannachadh anns an teaghlach le a chaoimhneas agus a shuairceas, a’ fàs cho beadaidh neo-chaoimhneil, ’s nach ’eil e furasda air chor air bith cur suas leis. Cha ’n ann mar so, a dhaoine òga, a bu chòir do ’n chùis a bhi. Cha ’n ’eil dleasdanas eile a bu chòir do dh’ òganach a bhi cho cùramach mu dheidhinn ris a so; is cha ’n ’eil òigear tuigseach air bith nach dean a dhichioll gu sòlas a thoirt do chridhe a pharantan, le a dheadh bheus agus le a bhlàthas-cridhe. Cha bu mhaith leam an t-òganach ud àireamh am measg mo chàirdean no mo dlùth-chompanaich, a bheireadh eas-urram d’a athair no bhiodh neo-chaoimhneil r’a mhàthair. Cha mhotha bhitheadh mòr mheas agam air fearalas an neach, air am biodh nàire as a’ chàraid aosda, a rinn an dichioll air esan a thogail gu onorach ceart ged a dh’ fhaodadh iad a bhi ann an suidheachadh bochd gu leòir a thaobh inbhe saoghalta. Tha iomadh aobhar ann air son am bu chòir meas is urram a bhi air a thoirt do phàrantan. Ged nach biodh ann ach a’ chomain fo an do chuir iad sinn trid an cùraim dhinn an uair nach robh sinn comasach air ni air bith a dheanadh air ar son féin, bu leòir e gu toirt oirnn gach caoimhneas a b’ urrainn sinn a nochdadh dhoibh agus gach meas a tha ’n ar comas a chur orra. Smaoinich, a dhuin’ òig, co a rinn faire thairis air do leanabaidheachd, a dhion thu o gach ni a dh’ fhaodadh do bheatha a chur as mar lasair laig, a ghiùlan gu foighidinneach le do dhroch nàdur, a sholair air do shon na nithe a bha feumail dhùit, a dh’ eiridinn thu ann an uair an tinneas, a dhion thu ann an àm a’ chunnairt, agus a bha a dh-oidhche agus a latha le cùram gun choimeas a’ freasdal dhuit. Co a dh’ éisd cho foighidinneach ri gach gearan a bha agad ri dheanadh? Co a stiùir thu mar a bha thu ann an iomacheist, is a thug sòlas dhuit ’n uair a bha thu fo bhròn? Co ach do pharantan. Is mar ’eil thusa tur gun mhothachadh, agus gun bhlàthas nadurra bheir thu gach oidhirp air na fiacha trom so fo am bheil thu dhoibh a dhiol, le do choimhneas dhoibhsan a nis ann am feasgar an làithean. Ach cha ’n e mhàin gu ’m bheil taingealachd mar so ga ’r cur fo chomain d’ ar pàrantan, ach tha focal Dé à sparradh oirnn ro bhitheanta an dleasdanais so, agus a’ bagradh gu trom an aghaidh na muinntir a tha ’dearmad a bhi umhal agus dleasdanach. Nach tric a tha briathran na còigeamh àithne air an seirm le fàidhaibh agus abstolaibh, “Thoir urram do d’ athair agus do d’ mhathair.” Is nach ’eil bagraidhean de ’n t seórsa so bitheanta gu leòir ann am facal Dhé. “An t-sùil a ni magadh air athair agus a ni tarcuis air ùmhlachd do mhathair, spionaidh fithich a’ ghlinne a mach i agus ithidh na h-iolairean oga suas i.” Tha, mar so, tuigse-nadurra agus Focal Dé a’ cordadh ri cheile ann a bhi g’ ar brosnachadh gus an dleasdanas so a choimhead. Feuch nach bi sibh ma ta dearmadach air. Thugaibh gach urram a tha dligheach dhoibh. Deanaibh an cridhe subhach le bhur deadh ghiùlan, oir cha ’n ’eil ni ann a bheir urad sòlais d’ an cridhe na bhi g’ ar faicinn ag imeachd ann an rathaidibh na stuamachd. Ma tha sibhse a’ tuineachadh aig an àm ’s a’ bhaile, agus iadsan aig an tigh ’san dùthaich, deanaibh ’ur dichioll gu sgriobhadh do ’n ionnsuidh gu riaghailteach gach seachdain, oir ’s e an sgeul is taitniche a thig gu ’n ionnsuidh ’ur deadh naigheachd. Is na dearmadaibh a bhi a’ cur roinn d’ ar cosnadh dhachaidh, ma tha iad ann an suidheachadh a chuireas feum air ’ur còmhnadh. Is eadhon ged a robh iad gun mhór fheum air cuideachadh uaibh, cuiribh an drasd ’s a rithisd, tiodhlac eigin gu’n ionnsuidh. Cha ’n ’eil seud is luachmhoire is urrainn a bhi aig màthair na tiodhlac a tha ’labhairt rithe mu ghràdh a mic a tha air falbh am measg choigreach. Cha ’n ’eil ach tearo do nithean a chumas ’ur cridhe féin ùrar glan cosmhal ri cuimhneachan air an dachaidh shiochail ud, anns a’ ghleann bhòidheach anns an deachaidh ’ur n-àrach, us air an aobhar sin tha e buanachdar dhuibh féin a bhi mar so a ’deanadh. A’ BHREAC AIR BORD SOITHICH—Air an latha mu dheireadh dhe ’n mhios a dh’ fhalbh, thainig soitheach-iasgaich Geancach a stigh do Shidni Tuath agus aon de na seòladairean a bh’ oirre na laidhe tinn leis a’ bhric. Chaidh an duine chur do’n tigh-eiridinn, agus bha an soitheach ’s a sgioba air an cumail gus am faicte co-dhiu bha no nach robh tuilleadh gu fàs tinn. Toiseach na seachduin so chaidh an leigeil mar sgaoil, oir cha robh coltas na brice air gin dhiubh. Tha ’m fear a bha tinn anns an tigh-eiridinn fhathast, ach tha e á cunnart, agus a’ dol am feabhas na h-uile latha. Leis gach cùram agus faiceall a thatar a’ cleachdadh anns na bliadhnaichean so, tha e na ’s furasda grabadh a chur air tinneasan gabhaltach na bha e anns na linntean a dh’ fhalbh. Cha’n eil a’ bhreac an diugh na cùis-eagail cho mor ’sa bha i leth-cheud no eadhon fichead bliadhna air ais. A thoil fhéin do gach duine, ’s an toil uile do na mnathan. Naigheachdan. A’ GAIRM MINISTEIR—Aig coinneamh a bha air a cumail air feasgar an aonamh latha deug dhe ’n mhios, dh’ aontaich coithoinal St. Andrew’s, ’sa bhaile so, an t-Urr. Clarence Mac-Fhionghain a ghairm gu bhi na ’mhinisteir anns an eaglais comhla ri Maighstir Forbeis. Tha Mr Mac Fhionghain aig an àm so air a shuidheachadh ann am baile Halifacs. Tha e air aon de na searmonaichean a’s fhearr a tha ’san Eaglais Chleirich ’sna Roinnean Iochdarach. FAILT O MHARCONI—Bha dòchas aig Marconi gu ’m biodh na togalaichean agus na h-innealan aig Table Head criochnaichte mu ’n àm so, agus gu ’m biodh e comasach dha fàilte chur air Righ Iomhar latha ’chrùnaidh. Cha ’n eil cùisean cho fad air aghaidh ’s gu ’n teid aig air sin a dheanamh, ach cha bhi ’n ùine fada gus am bi fiosan ga ’n cur a null ’s a nall. Tha Marconi an deigh an t-innleachd a leasachadh air dhoigh ’s gu ’n gabh eadar ceud is da cheud facal ’sa mhionaid cur air falbh. Roimhe so cha b’ urrainn dha ach mu dheich air fhichead a chur air falbh anns a’ mhionaid. CRUNADH AN RIGH—Bidh Dior daoin so ’tighinn na ’latha mor agus ainmeil anns an Impireachd Bhreatunnaich. Air an latha sin bidh Righ Iomhar air a chrùnadh. Bidh greadhnachas agus riomhadh mor air an nochdadh mu chuartachadh na seirbhis ann an Lunnuinn, agus cha bhi baile beag no mor anns an Impireachd anns nach bi an latha air a chumail saor. Bidh e air a chumail leis a’ bharrachd aoibhneis a chionn gu bheil sìth air a nasgadh ann an Africa mu dheas, ni ris nach robh moran duil mios no dha roimhe so. Tha sin an deigh toil-inntinn mhor a thoirt do ’n righ fein. BAS SAN TIGH CHAOTHAICH—Thainig fear Uilleam Mac-Leoid ri ’bheatha fhein ’san tigh-chaothaich, la na Sábaid s’a chaidh. Chroch e e-fhein ri te dhe na h-uinneagan, agus nuair a chaidh fhaotainn bha e marbh. Bha e air a thoirt do’n bhaile feasgar Di-sathuirne á Port Morien, far an robh e fuireach nuair a chaidh e as a rian. Bha e ri bhi air a thoirt do Halifacs Di-luain. Bha e leth-cheud is da bhliadhna dh’ aois. Bha e o chionn da bhliadhn’ deug air ais anns na Staidean, agus cha’n eil ach mu thri miosan o’n thainig e air ais ’s a chaidh e dh’ obair do Phort Morien. Bu mhac e do Uilleam Mac-Leoid, nach maireann a bha chòmhnuidh air taobh tuath nam Forks. TIM CHLAR UR—Di-luain s’a chaidh thòisich na treineachan ri ruith a réir tìm-chlàr an t-samhraidh. Bidh a’ cheud trein a fàgail Shidni aig fichead mionaid gu seachd, agus an darra té aig deich uairean. Bidh na treineachan á Halifacs a ruigheachd a bhaile feasgar,—a cheud té aig leth-uair an deigh seachd, agus an darra té aig leth-uair an deigh deich. Bidh na h-amannan so moran na ’s freagarraiche na na h-amannan aig an robh iad a’ falbh ’s a’ tighinn fad a’ gheamhraidh. Tha an rathad an deigh so ri bhi air a ruith a reir an tìm chumanta; roimhe so bhatar ga ’ruith a réir standard time, a tha uair air dheireadh air tìm nan Roinnean Iochdarach. Bidh so cuideachd na dheisealachadh mor do luchd-turuis; cha bhi iad cho buailteach air mearachd a dheanamh a thaobh àm falbh is tighinn an eich-iaruinn. “AM FAIDH ELIAH!”—Co nach cuala iomradh uair no uaireiginn air an duine mhealltach sin Alasdair Dowie, no mar a theirear ris “Am fàidh Eliah,” a tha an deigh an liughad duine is bean a mhealladh, gu h-àraidh ann am baile-mor Chicago, far am bheil e fuireach. Tha e a cumail a mach nach ’eil feum sam bith ann an lighiche,—ma tha fear no bean tinn nach leig iad a leas ach ùirnigh a dheanamh, sin ri radh ma tha creideamh laidir aca, agus bidh an neach tinn air a leigheas. O chionn ghoirid loisgeadh nighean leis a bhaoth-chreidmheach so gle dhona. Chaidh a h-athair air a ghlùinean agus thoisich e ri ùirnigh, ni a rinn e fad latha, ged a bha a nighean a fulang cràdh uamhasach, ach ged a bhiodh e ’g ùirnigh fhathast cha ’n fhaigheadh ùirnighean cealgach freagairt. Mu dheireadh chuir e a dh’ iarraidh dotair, a bha e roimhe cur cho mor an suarachas, ach thainig an dotair ro anmoch—fhuair a nighean bàs. Tha lan àm aig an lagh casg a chur air na daoine seòlta, mealltach so. “Sgrios gun tig air an gineal-san a mach as an tìr gu luath.” [TD 254] [Vol. 10. No. 33. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 251.) fhios agam cia mar a bheir mi taing dhuibh air son bhur fialachd. Tha fhios agam nach ’eil mo mhac airidh air a’ chaoimhneas a tha sibh a’ nochdadh dha; agus ciod sam bith cho taingeil ’s a bhitheadh e, agus cho math ’s a ghabhadh e bhur comhairle, bhiodh e neo-airidh air bhur caoimhneas. Air mo shon fhin dheth, tha mi ’toirt taing dhuibh le m’ uile chridhe, agus is e mo mhiann gu ’m biodh sibh fada gu leor beo gu bhith ’n ’ur fianuis air taingealachd mo mhic. Agus cha ’n urrainn e a thaingealachd a nochdadh ann an doigh a’s fhearr na bhith ’g a ghluasad fhein a reir mar a bheir sibhse comhairl’ air.” Fhreagair an draoidh, agus thuirt e rithe: “Is e balach gasda ’th’ ann an Aladin, agus tha nadar math gu leor aige, agus tha mi ’creidsinn gu ’n tig sinn a reir a cheile gle mhath. Ach tha mi duilich air son aon ni, agus is e sin, nach urrainn mi deanamh am maireach mar agheall mi, o ’n is e maireach Di-haoine; agus bidh na buithean uile duinte, agus air an aobhar sin, cha ’n urrainn sinn aon chuid buth a cheannach no bathar a chur innte. Ach leigidh sinn leis gu Di-sathuirne. Thig mi g’ a iarraidh am maireach, agus bheir mi e do na liosan anns am bheil uaislean a’ bhaile mar is trice ’gabhail sraid. Is docha nach fhac’ e na liosan maiseach so riamh, o nach robh e gus a so ach am measg na cloinne; ach a nis tha ’n t-am aige ’bhith ’measg dhaoine.” An sin dh’ fhalbh an draoidh, agus chaidh Aladin agus a mhathair a laidhe. Bha aoibhneas mor air Aladin araon a chionn gu ’n d’ fhuair e deise mhath, ngus mar an ceudna ’chionn gu ’n robh e gus a dhol do na liosan maiseach anns am biodh uaislean a’ bhaile ’cur seachad moran dhe ’n uine. Cha robh e riamh am mach ann an iomall a’ bhaile far an robh seallaidhean ro bhriagha ri ’m faicinn. Dh’ eirich Aladin gu math moch air an ath mhadainn, agus rinn e deiseil gu falbh comhladh ri brathair ’athar an uair a thigeadh e g’ a iarraidh; agus an deigh dha ’bhith ’feitheamh car uine, thoisich ’fhoighidinn ri fas goirid, agus bha e ’na sheasamh aig an dorus ’g a fheitheamh. Agus cho luath ’s a chunnaic e ’tighinn e, dh’ innis e dh’ mhathair e, agus ruith e ’na choinneamh. Bha ’n draoidh anabarrach caoimhneil ri Aladin an uair a choinnich e e. “Tiugainn, mo leanabh gaoil,” ars’ esan, “agus nochdaidh mise dhut seallaidhean maiseach.” Threoraich e ’mach troimh gheatachan a’ bhail’ e gus an d’ rainig iad taighean briagha aig an robh liosan do ’m faodadh neach sam bith a dhol. A h-uile taigh a ruigeadh e, dh’ fheoraicheadh an robh e briagha, agus theireadh Aladin gu ’n robh. Leis an doigh sheolta so thug e leis Aladin astar math am mach air an duthaich; agus o ’n a bha ’na bheachd a thoirt leis ’na b’ fhaide air falbh, a chum an gnothach a bha fa near bha a chur an gniomh, thug e air suidhe lamh ri tobar briagha a bh’ ann an aon dhe na liosan, a leigeadh air gu ’n robh e fhein sgith, agus thuirt e: “Trobhad a mhic mo bhrathar; feumaidh gu ’m bheil thusa sgith mar a tha mi fhin; leigeamaid ar n-anail, agus bidh sinn na ’s fhearr gu coiseachd a rithist.” An deigh dhaibh suidhe, thug an draoidh lamh air neapaiginn a bh’ aige fo ’n chrios anns an robh aran agus measan a thug e leis as a’ bhaile, agus chuir e air bruaich an tobair iad. Rinn e da leith air an aran, agus thug e leith dheth do dh’ Aladin, agus dh’ ith e fhein an leith eile. Leig e le Aladin an seorsa a b’ fhearr leis dhe na measan itheadh. Fhad ’s a bha iad ag itheadh a’ bheidh, chomhairlich e dò dh’ Aladin sgur a bhith ’cumail cuideachd ri cloinn, agus a bhith gu tric ann an cuideachd dhaoine glice agus tuigseach a chum a bhith ’foghlum gliocais uapa; “oir bidh tu gun dail aig aois duine,” ars’ esan, “agus cha ’n urrainn dut toiseachadh tuilleadh is trath ri foghlum o ’n comhradh.” An uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh, dh’ eirich iad, agus ghabh iad air an aghart troimh na liosan nach robh ach air an dealachadh o cheile le digean beaga mar chriochan, agus nach cumadh iad o dhol o aon lios gu lios eile. Bha so a’ leigeadh ris gu ’n robh earbsa mhor aig muinntir an aite ’na cheile. Air an doigh so thug an draoidh leis Aladin seachad air na liosan, agus tarsuinn na duthchadh gus mu dheireadh an d’ rainig iad faisg’ air na beanntan. Cha robh Aladin riamh air astar cho fada sid, agus an uair a thoisich e ri fas sgith, thuirt e ris an draoidh: “C’ait’ am bheil sinn a’ dol, a bhrathair m’ athar? Dh’ fhag sinn na liosan astar mor ’n ar deigh, agus cha ’n ’eil mi faicinn dad ach beanntan. Ma theid sinn moran na ’s fhaide air ar n-aghart, cha ’n ’eil fhios agam am bi mi comasach air tilleadh air ais do ’n bhaile.” “Na biodh eagal sam bith ort, a mhic mo bhrathar,” ars’ an draoidh; “seallaidh mi dhut lios eile a tha moran na’s briagha na h-uile lios a chunnaic sinn fhathast; cha ’n ’eil e ach astar beag air falbh. Agus mi uair a ruigeas sinn e, their thu gu ’m biodh doilighios ort mur faiceadh tu e, an deigh a bhith cho faisg’ air. Chreid Aladin e; agus a chum nach fhairicheadh e an t-astar cho fada, dh’ innis an draoidh iomadh naigheachd dha.” (Ri leantuinn.) Am Bru-dhearg a’ Gabhail Fasgaidh o’n Doininn. EOINEIN bhig bhòidheich! cia aoibhneach, ait a tha thu ann an sin, a’ suidhe agus a’ seinn, agus a’ togail gach criomaig bhig a tha thu ’faotainn air an làr, gun fhios agad c’ àite ’bheil thu, no c’ áite ’m faigh thu an ath lòn, agus ’nuair thig an t-anmoch cha ’n eil agad ach do leaba iarraidh anns a’ cheud phreas a thig ann ad rathad, far, ma dh’ fhaoidte ’bheil an neas no an cat fiadhaich no ’n t-seabhag a’ feitheamh air do mhilleadh! Tha mi ’gabhail nàire, mise le pailteas a’m thigh, le m’ ghealbhan cridheil, sunndach, fasgadh agam o’n doininn, mo leaba sheasgair bhlàth, agus a dh’ aindeoin so uile mi ri gearan, fo iomaguin, fo imcheist, gu trom, muladach, bochd, brònach. Nam bithinn coltach riutsa, eòin bhig bhòidheich, air allaban gun tigh gun dachaidh, gun fhìos c’ àite ’m faighinn mo lòn maidne no m’ àite táimh san oidhche, cia truagh a bhithinn! Cha togainn òran mar tha thusa ’deanamh. Cò stiùir an so thu, a choigrich bhig? ’S cinnteach mi gur h-e freasdal Dhé, a shearmonachadh dhòmhsa, chum mo theagasg agus mo chronachadh. Agadsa cha ’n eil tuigse no riasan as a’ bheil mise co bòsdail; cha robh thu ann an sgoil—cha d’ fhuair thu do theagasg; ach thug Dia dhuit tuigse. Seinn t’ òran laghach, eòinein dhig—cha bhean mi dhuit—gabh do thàmh an nochd san t-seòmar so—’se do bheatha—’s ’nuair thig a’ mhaduinn leigidh mi a mach thu air feadh an t-saoghail. “Amhaircibh air eunlaith an athair, oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlibh; gidheadh tha ar n-Athair nèamhaidh ’g am beathachadh. Nach fearr sibhse gu mòr na iadsan?” Cha tig am bàs gun leisgeul. Cha teid fiach air bial dùinte, ’s cha tog balbhan fianuis. Litir as an Abhainn Mheadhonaich. A’ CHARAID,—Tha mi ’cur ugad tri dolair aig an àm so air son ainmeanan ùr, nach do ghabh MAC-TALLA riamh roimhe gus a so. Tha fear dhiubh, Fearchar Mac Rath, na ’fhear-comhairle againn, agus is fhad bho ’n bha còir aig air do phaipear a ghabhail. Tha e na ghobha math, agus cha bhith e fada cosnadh dolair le beagan ghnogan leis an òrd air an innein. Tha ’m fear eile, Ruairidh Mac Rath, gille òg, gasda a tha gun phosadh fhathast. Bidh tusa cinnteach gun toir thu òran math gaol dha anns a’ MHAC-TALLA. Tha ’n treas fear, Domhull Fionnlasdan,—cha b’ e bu chòir fhàgail air deireadh—na ’sgoilear math, Beurla agus Gàilig, agus tha sinn ann an làn dòchas gu ’n cluinn sinn gu math tric bhuaithe anns a MHAC-TALLA. ’S e bhiodh math aig an àm so mòran airgiod airson MAC-TALLA chur air bhonn cho math ris na paipearan Beurla. Tha e maslach dha na Gaidheil mur cum iad aon phaipear Gailig suas. Churainn a mach an cent mu dheireadh a bhiodh agam ma ’s tugainn suas cainnt mo dhùthaich. Bha litir anns an àireamh mu dheireadh dhe ’n MHAC-TALLA bho “M. D.,” a Ceap Nòr, agus tha mi-fhein gle thoilichte leis a bheachd a bh’ aig air leabhraichean òrain, agus air na h-òrain a bhios anns a’ MHAC-TALLA. Cha chreid mi nach ’eil e moran na’s fhearr a bhi ga ’n leughadh na moran dhe ’n smodal a bhios sinn a faotainn anns na paipearan Beurla. Nam biodh sinne cur urram agus cho dìleas dha ’n Ghailig ris na bàird, cha bhiodh éis air MAC-TALLA. Tha ’m bàrd Niall Mac Leoid a cantuinn anns an oran a rinn e do ’n Ghailig— “Duisg suas, a Ghàidhlig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgàig; Tha ciadan mile dileas duit Nach diobair thu ’sa’ bhlàr; Cho fad ’s a shiubhias uillt le sruth, ’S a bhuaileas tuinn air tràigh, Cha ’n aontaich iad a’n cainnt no ’n cruth Gu ’n teid do chur gu bàs.” Agus thuirt e anns an rann mu dheireadh dhe’n òran— “Ach buaidh is piseach air na laoich ’Tha seasmhach air a sgàth, ’Chaidh àrach ann an tir an fhraoich, Ge sgaoilt’ an diugh an àl; Ged ’chaidh an sgapadh air gach taobh, Cha chaochail iad an gnàths, Cha ’n fhàs an eachdraidh lag le aois ’S cha ’n fhaigh a’ Ghàidhlig bàs.” Cha ’n ’eil sinn a faotainn MHIC-TALLA ach gle allabanach an taobh so—uair a thig e Di-sathairne, uair eile Di-màirt, agus an àireamh mu dheireadh ’s ann Dior-daoin a thainig e. Bi cinnteach gu ’n cur thu ’chiad àireamh a dh’ ionnsuidh na daoine gasda tha ga ’ghabhail as ùr. Tha greis bho ’n fhuair mise paìrt dhe ’n airgiod. Ma dh’ fhaodte gu ’m faigh mi beagan dholair fhathast. Bidh daoine an taobh so gle thoilichte òrain Dhonnachaidh Fhionnlasdan fhaicinn anns a’ MHAC-TALLA. Cuiridh mi ugad uair air choireigin òran an eich dhealanaich, agus mur cur thu an clò e cha ’n fhaic thu dollar tuilleadh bho do charaid dileas MICHEAL. Ged a gheibheadh am peacach a steach do nèamh cha bhiodh e mionaid toilichte ann. Is iad na h-àiteachan a’s coltaichte ri nèamh a th’ air an talamh, na n-àiteachan mu dheireadh do ’m biodh am peacach toileach a dhol. Cha ’n ’eil tlachd sam bith aig misgear, no aig meirleach, no aig breugaire, no aig duine truaillidh sam bith eile, ann a bhith cur seachad na h-ùine ann an cuideachd dhaoine diadhaidh, eadhoin air an talamh fhein. [TD 255] [Vol. 10. No. 33. p. 7] Marbhrann Do Mhr Seumas Beattie, fear-teagaisg cànain ’s nan eolas nadarra ann an Oilthigh ùr-Obaireadhain, a chaochail ’s a bhliadhna 1810, LE EOBHAN MAC-LACHUINN. Och nan och! mar a tha mi, Threig mo shùgradh, mo mhànran, ’s mo cheol, ’S trom an aiceid tha m’ chràdh-lot, ’S goirt am beum a rinn sgàinteach ’am fheoil; Mi mar ànrach nan cuaintean, A chailleas astar feadh stuadhan ’sa cheo, O’n bhuail teachdair a bhàis thu, A charaid chaoimh bu neo-fhàilteumach gloir. A ghaoil! a ghaoil de na fearaibh! ’S fuar a nochd air an darach do chréubh, ’S fuar a nochd air a bhord thu, Fhiùrain uasail bu stold’ ann ad bhéus! An lamh gheal, fhuranach, chàirdeil, Is tric a ghlac mi le fàilte gun phléid, Ri d’ thaobh ’s an anairt na ’sineadh, Na meall fuar creadha, fo chis aig an éug. A mhiog-shuil donn bu tlàth sealladh, A nis air tionndadh gun lannair a d’ cheann; ’S sàmhach binn-ghuth nan ealaidh, ’S dùint’ am beul ud o ’m b’ anasach cainnt; An cridhe firinneach, soilleir, Leis ’m bu spìdeil duais foille, no sannt, A nochd gun phlosg air an déile! Sian mo dhosgainn, nach breugach mo rann. Gun smid tha ’n ceann anns na thàrmaich Bladh gach eolais a b’ àird ann am miagh, Gliocas eagnaidh na Gréige, ’S na thuig an Eadailt bu gheur-fhaclaich brigh. ’S balbh fear-reitich gach teagamh Anns a Bheurla chruaidh, spreigearra, ghrinn; ’N uair bhios luchd-foghluim fo dhubhar, Co na t-ionads’ a dh’ fhuasglas an t-snuim? ’S balbh an labhraiche pongail, Bu tearc r’a fhaotainn a chompanach beoil, Am briathran snaidhte, sgéimh-dhealbhach, A chur na h-ealaidh no ’n t-seanachais air neoil; Ge b’ e bàrd an dàin chéutaich, Mu chian-astar Ænéas o Throidh, ’S firinn cheart nach bu diù leis E-fein thoirt mar ùghdair do sgeoil. Gun smid tha ’n gliocair a b’ eolach Air fad na cruitheachd a dh’ ordaich Mac Dhé, Gach gnè an saoghal na fairge, ’Sa mhachair chomhnaird no ’n garbhlaich an t-sléibh, Gach bileag throm a tha lùbadh Fo throm eallaich na driùchd ris a ghréin, ’S an rioghachd mheatailtich b’ àghor Bo phurp, ag innse dhuinn nàdar gach seud. ’S balbh fear-aithne nan ràidean, A shoillsich aingil is fàidhean o thùs, Is soisgeul ghlormhor na slàinte, Thug fios air trocairean Ard-righ nan dùl; An stéigh gach teagaisg bu ghràsmhoir, ’S tearc pears-eaglais thug bàrr ort, a rùin! Dochas t-anma bu làidir, ’S an fhuil a dhoirteadh gu Pàrras thoirt dhuinn. Riaghlaich t-eolas ’s do ghiùlan Modh na foirfeachd a b’ iùil dut ’s gach ceum; Do mhor-chridh uasal gun tnù ann, Gun ghoimh, gun uabhar, gun lùban, gun bhreug; Cha b’ uailse tholgach an fhasain, Cha dealradh saibhreis a dh’ atadh do speis; ’S i ’n inntinn fhior-ghlan a b’ fhiù leat, Is foghlum dichill ga ’stiùireadh le céill. Mo chreach léir! an taigh mùirneach, ’S am faict’ a ghreadhain gu sunndach mu ’n bhord, Dreos na céire toirt soillse; Gach fion bu taitniche faoileas fo chroic: Do chuilm bu chonaltrach, fàilteach, B’ aiseag slainte dhuinn mànran do bheoil; Bu bhinn a thogail na téis thu, ’Sa chruit fhonnor ga ’gleusadh gu ceol. ’N uair dh’ éireadh coisridh bu choinnealt A dhanns’ gu lùghor ri pronnadh nam pong, Gum b’ éibhinn cri do mhnà-comuinn, Do chroilein maoth, ’s iad gu tomanach, donn, A ghearradh leum air bhord loma, Dol seach a chéile mar ghoireadh am fonn; Ach dh’ fhalbh sid uile mar bhruadar, “No bristeadh builgein air uachdar nan tonn.” A righ! gur cianail mo smaointean, Ri linn do t-àrois bhi faontrach gun mhùirn, Sguir a chuilm ’s an ceol-gàire, Chaidh meoghail ghreadhnach is mànran o ’r cùl; Chinn an talla fuar, fàsail; ’S e chuir mullach na fàrdaich na ’smùr, Ceann da dìdinn ’s na riaghailt A bhi ’sa chadal throm shiorruidh nach dùisg! Do bhantrach bhochd mar ian tiamhaidh, Ri truagh thursa, ’sa sgiathan mu h-àl, A neadan creachta, ’s i dòineach, Mu gaol a sholair an lòn daibh gach tràth; O’n dh’ imich Fir-eun na h-ealtainn, Tha ’n t-searbh-dhìle ’teachd thart as gach àird; A Rìgh nan aingeal! bi d’ dhìon daibh, ’S tionndaidh ascaoin na sìne gu tlàths. ’S iomadh sùil a ta silteach, A thaobh ùigh nam fear glic gun bhi buan: Tha mìltean ùrnuigh ga d’ leantuinn, Le mìltean dùrachd is beannachd gu d’ uaigh; A liuthad diùlannach ainnis A dh’ ardaich t-ionnsachadh ainneamh gu uaill; ’S gach là bhios càirdeas air faoineachd, A Bheattie chliùitich! bidh cuimhn’ air do luach. Rinn t-eug sinn uile gun solas, Tha teach nan innleachd, ’s an oigridh fo phràmh; Chaidh Albainn buileach fo éislean, Sgur na Ceolraidhean Gréugach de ’n dàn: Thainig dall-bhrat na h-oidhch’ oirnn, O’n chaidh lochran na soillse na ’smàl: B’ e sid an crith-reothadh céitein A mhill am fochann bu cheutaiche bàrr. Bu tu craobh-abhull a ghàraidh, A chaoidh cha chinnich ni ’s àillidh fo ’n ghrein! Dealt an t-samhraidh mu blàthaibh, Lùisreadh dhuilleag air chràcaibh a geug; Ach thilg dubh-dhoirionn a gheamhraidh A bheithir theinntidh le srann as an speur; Thuit an gallan ùr, rìomhach, ’S uile-mhaise ghrad-chrìon air an fheur. A Thi tha stiùireadh na cruinne ’S tu leig d’ ar n-ionnsuidh a bhuille bha cruaidh: Sinne chaill an t-sàr ulaidh, Neonaid phriseil nan iomadaidh buaidh!— Dh’ fhalbh a chombaisd ’s na siùil oirnn, Chaidh an gaisreadh ’s an fhiùbhaidh ’nam bruan; Gach creag na ’cunnart do ’n fhiùraich, O laidh duibhr’air reul-iùil an taobh tuath. Och, nan och! mar a tha mi, Mo chridhe ’n impis bhi sgàinte le bron! Tha ’n caraid-cùirt’ an deigh m’ fhàgail A sheasadh dùrachdach dàn’ air mo choir; Bidh sid am’ chliabh na ’bheum cnàmhain, Gus an uair anns an tàr mi fo ’n fhod; Ach ’s glic an t-Aon a thug cis dhinn, ’S da ordugh naomh biomaid striochdta gach lo. A MHIC-TALLA RUNAICH,—Tha mi faicinn gu bheil gach paipeir is fhiach a tha ’n Canada an deigh iomradh a thoirt air beatha agus cliù an Ollaimh Urramaich, Deorsa M. Grannd, a chaochail o chionn ghoirid ann an Kingston, Ontario. Bhith duilich mur deanadh MAC-TALLA, an aon phaipeir a th’ againn ann an cainnt Oisein, clach a chur na ’chàrn. Bu Ghaidheal gu ’chùl an t-Olla Grannd. Rugadh athair air bruach na h-Aibhne Spé, an siorrachd Inbhirnis. Thug mi fein ionnsuidh air beagan a sgriobhadh mar chuimhneachan air a Ghaidheal chliùtich so, ach cha do shoirbhich leam, oir ged labhras ’sa leughas mi cainnt mhilis nam beann cha ’n urrainn dhomh a sgriobhadh. Iarraidh mi oirbh, ma ta, gu ’n cuir sibh anns a’ cheud àireamh de ’n phaipear am marbhrann eireachdail a rinneadh do Sheumas Beattie leis an Olla Eobhan Mac-Lachuinn. Cuiridh an dàn sin an geill faireachduinean mhorain a thaobh an Olla Ghrannd, agus am measg chàch do charaid dìleas ALASDAIR MAC GHILLEASBUIG. Strath-Lathuirn, C. B. A Mhorag Nighean Dhomhnuill Duinn. A Mhorag nighean Dhomhuill duinn, Tha thn cruinn sgiobalta; A Mhorag nighean Dhomhuill duinn, Tha thu cruinn boidheach! A Mhorag bheag nighean Dhomhuill ghibich, Is ioma fear ’thug ribean duit; A Mhorag bheag nighean Dhomhuill ghibich, Is ioma fear ’tha ’n toir ort! A Mhorag bheag nighean Dhomhuill uidhir, Thug mi cion an uiridh dhuit; A Mhorag bheag nighean Dhomhuill uidhir, Bhuilichinn do phosadh! Thug mi cion! is cion! is cion! Thug mi cion an uiridh dhuit; Thug mi cion! is cion! is cion! ’S bhuilichinn do phosadh! MACTALLA NAN TUR, leis AN Urr. A Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1.25; dusan air $2.00. FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar. COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1.00. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. [Dealbh] A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. HARDISON’S PHARMACY. An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni. Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:— A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m. A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m. A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m. A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m. A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m. A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m. A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich. WM. COYNE, Traffic Manager. [TD 256] [Vol. 10. No. 33. p. 8] Oran Gaoil. ’S e dhùisg cho grad a m’ shuain mi ’Bhith bruadar an raoir. Cha chadal dhomh ach smuairean Bhon dh’ fhuaraich do ghaol. A ribhinn donn nan dual, Na toir fuath dhomh gun aobh’r; Ach tiomaich is gabh truas diom Bhon fhuair thu mo ghaol. Gu dé so ’rinn mi ’dh-eucoir Nuair thréig thu mi, ’rùin. Cha d’ thugas riamh dhuit beum, ’S cha bu léir dhomh ach thu. Cha chreidinn-sa droch sgeul ort, Le eud air do chùl; ’S ged theireadh càch na breugan, Cha ’n eisdinn-sa riù. Mar lilidh ’s tu gun mhorchuis, ’S tu ’s boidhche na càch; Le d’ chùl bachlach, ordail, ’S fiamh oir air gu bhàrr; Mo ghaol an ribhinn og, ’Dh’ fhàs gu comhraiteach, tlàth, Nan gealladh tu mo phosadh, Bu bheo dhomh o ’n bhàs. Cha dug mi gaol do dh-airgiod; Clia dug mi gaol do dh-or; Cha dug mi gaol do shioda; Cha dug mi gaol do shrol; Cha dug mi gaol do dh-fhion dearg Ga ’lionadh an stop. ’S co dha a thug mi ’n gaol sin ’Tha daonnan ga m’ leon? ’S ann thug mi ceist do ’n og-mhnaoi A’s boidhch’ tha fo ’n ghréin; Do ghruaidhean mar an ros, ’S mar an neoinean do dheud. Shiubhlainn an Roinn-Eorp’ leat, A m’ chora gu leir; ’S b’ fhearr na oighreachd Dheorsa Làn choir ort bho ’n chléir. ’S i mo ghaol-sa ’n rìbhinn A’s grinn ’theid na ’gùn; Mo rùn thu ’measg nam maighdean, ’S gum faighneachdainn thu, Gun roghnaichinn roimh ’n or thu Aig boidhchid do ghnùis.— ’S e n gaol a thug mi og dhuit Thug deoir air mo shùil. Is guirme leam do shùilean Na ’n drùchd air an fhiar; Do bhilean mar na caoran Air aodann nan sliabh; ’S do chiabhan maiseach or-bhuidh’ Gu boidheach a sniomh, ’S a dearrsadh mar an fheucag Nuair dh’ éireas a ghrian. Ged gheibhinn-sa fo m’ ordagh An coirichin sgriobht’ Gach dùthaich san Roinn-Eorpa ’S gach storas tha innt’, Ged dh’ éighteadh mi ’nam dhiùca, ’S ged chrùnteadh mi ’m righ, Is tusa ’n té bu deoin leam, Nam posadh tu mi. An uair a bha mi og Bha mi gorach ro fhaoin, ’S bha saighdean a bhroin Ga mo leon air gach taobh. Mo chreach! an roth thigh’nn cearr Air mo nàdar ’s mi baoth.— O ciamar bhios mi sàbhailt’ ’S mi bàtht’ na d’ ghaol? Tha m’ inntinn’s i air chall Mar neach fann ann an ceo; Cha léir dhomh meud gach baoghail Tha ’g aomadh am choir. Mo smaointinn tha cho luaineach. Gach uair le mo leoin Ri luing air tonnaibh uaibhreach A chuain ’s i gun seol. Gur mis’ a tha fo ghruaman, ’S cha ghluais mi leam fhìn, Bho ’n ghaol ’thug mi do ’n ghruagaich ’S gun duais air a chìnn. Ma bheir fear eile bhuam thu Gur truagh dheth bhios mi. O b’ fhearr a bhith san uaigh Na mo luaidh bhith gam dhìth. Ar leam gur h-olc an doigh Do dh-aon oigear an ni, Gaol a thoirt do dh-og mhnaoi, Air bhoichid ’s ga ’m bì. Ged labhradh i gu ciuin riut, Cum dùinte’ bhuaip’ do chrì, ’S fearr gun thu chur dùil innt’ Mur lùbar leat i. Tha m’ aigneadh trom fo eislein, ’S mo chreuchdan fo leon; Mo chridhe cha dean eirigh, Ged dh’ eisdinn ri ceol. Ach mur dean mi t’ fhaotainn, ’S mo ghaol ort cho mor, Cha d’ thoir mi ri mo shaoghal Mo ghaol do mhnaoi oig. Mo thruaighe mi gad chaoineadh, ’S nach taobhadh tu mi; ’S gorach mi thug gaol dhuit, ’S gum faod thu bhith ’m dhith. Bhon tha mi gann de storas Cha leoir leat-sa mi; Ach ’s fheudar dhomh bhith beo; Ged nach pos thu mi ’chaoidh. Tha ’n t-oran so an Leabhar nan Gleann aig slios 173, agus anns an Oranaiche air slios 170. Fhuair mi cuid mhath dheth bho chionn beagan sheachduinean á Columbia Bhreatannaich bho Iain Gobha. Bhon tha Iain na Ghaidheal dìleas, duineil, cheangail mise a h-uile rann a fhuair mi ri ’cheile cho math is a b’ urrainn mi. Cha ’n fheil fios agam co a rinn an t-oran, agus cha ’n fheil fios agam nach h-fheil a dha na tri de dh-orain air an cur am measg a chéile. Ach ma tha Iain na sheinneadar cho math ri Calum a bhràthair, tha mi dhe ’n bheachd, co dhiu a tha ’n t-oran ceart no cearr, gun teid aig air a sheinn. Bho chionn beagan bhliadhnachan b’ fheudar dhomh na pìnn chruadhach a thilgeadh air falbh; cha seasadh mo lamh riutha. Tha iad gle mhath ma tha ùine aig duine gus gnothach a ghabhail air a shocair; ach ma tha duine a sgriobhadh cho luath agus is urrainn da, agus ri moran sgriobhaidh, cha ghabh iad coimeas ris an ite. Ged nach faca mise Iain Gobha riamh tha iomradh agam air. Fhuair mi da ite eala bhuaith agus seachd no ochd de dh-itean briagha iolaire. Is ann le ite iolair a tha mi a sgriobhadh an dràsd, agus tha i fior mhath. Tha mi gu mor ann an comain Iain air son nan itean. GLEANN-A-BHAIRD. Brosnachadh Catha. A mhacan ceann, Nan cursa srann, Ard-leumnach dàn air magh, Faigh buaidh ’san t-stri, Sgrios sios gun dith Ar naimhde, righ nan sleagh! Lamh threin ’s gach càs! Cridh’ ard gun sgàth! Ceann airm nan roinn gear goirt! Gearr sios gu bàs, Gun bhàrc sheol bhàn Bhi snàmh mu dhubh Innis-torc. Mar thairneanach bhaoghal Do bhuille, laoich, Do shuil mar chaoir ad cheann, Mar charraig chruinn Do chridh’ gun roinn, Mar lasan òich’ do lann. Cum suas do sgiath, Is crobhaidh nial, Mar chiach bho reul a bhàis. A mhacain cheann, Nan cursan srann, Sgrios naimhde sios gu làr! Is ann againne a gheibh thu na ..Gloineachan Sula.. a’s fhearr a fhreagras air do shuilean. Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise. Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh. K. Bezanson, Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula. Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne Brat-Urlair is Airneis dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe. Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn. Gordon & Keith, A.T GRANT, .....Manager. Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.......... AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, - - - Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich. (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mao-Leoid, D. D. 2.25 Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Mactalla nan Tur .25 Filidh na Coille .50 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh. PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney. Cape Breton. Canada. [Dealbh] MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO..... Ard-oifis:—TORONTO, CANADA. J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho C. W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B. M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. LEBETTER, Local Agent, Sidni Tuath. Amherst Boot & Shoe Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.