[TD 1] [Vol. 9. No. 1. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 6, 1900. No. 1. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. I. IACOB AGUS MAIRI, A NIGHEAN. Ann am baile beag Ichburg, a bhuineadh do dh’ Iarla de’n ainm sin, bha fuireach o chionn corr us ceud bliadhna air ais, duine treidhireach, onarach da ’m b’ ainm Iacob Ròdi. Thainig e do dh’ Ichburg ’na bhalach bochd a dh’ ionnsachadh a bhi ’na ghàradair anns a’ ghàradh aig Caisteal an Iarla. A bhuaidhean barraichte nàdurra, a chridhe math, an ealamhachd leis an d’ ionnsaich e gach ni, agus a ghnuis fhosgarra, dhuineil, choisinn da gean math a mhaighstir. Bha e gu tric air a chur air gnothach do’n chaisteal, agus ’n uair a rachadh an t-Iarla, a bha ’s an am sin na dhuin’ òg, a mach air chuairt, bhiodh Iacob ’na chuideachda. Air na cuairtean so ghabh Iacob cothrom air moran fiosrachadh riatanach fhaotainn, dh’ fhas a cheann-labhairt fileanta ’s a ghluasad gun mhearachd, agus na’s fherrr na sin uile, thug e air ais bharr nan cuairtean sin, cridhe ard, glan, gun truailleadh le dol an t-saoghail. Chuir an t-Iarla roimhe nach bitheadh seirbheis dhìleas Iacob gun duaiseachadh. Rinneadh stiùbhart deth anns a’ luthchairt a bh’ aig an Iarla ’sa cheanna-bhaile. Ach bha cridhe an duine mhath daonan ag iarraidh tilleadh gu beatha shitheil na duthcha; agus ’n uair a bha ’n aonta a bh’ air baile beag araid ’an Ichburg aig a ceann, dh’ asluich Iacob air an Iarla am baile sin a thoirt dasan air mhàl. Thug an t-Iarla uasal dha an baile saor fad a bheatha, agus a bharrachd air a sin, thug e dha cuideachadh bliadhnail am biadh ’s an connadh, gu leoir air son a bhanas-tighe. Phòs Iacob ann an Ichburg. Shuidhich e air a bhaile. Bha taigh beag aoidheil ann, air a thogail am meadhon gàraidh mhoir, bhreagha. Bha an dara leth de ’n ghàradh fo chraobhan meas, agus an leth eile fo bhuntàta, càl, agus gnothuichean eile de ’n t seorsa sin. An deigh do Iacob agus d’a mhnaoi, a bha ’na boirionnach fiachail, moran bhliadhnachan a chur seachad gu toilichte comhla, thug am bàs a bhean chiatach air falbh. Cha ghabhadh a mhor mhulad innse. Bha an duine coir a’ fas sean, bha an aois ’ga sealltuinn fhein, agus bha ’fhalt a’ glasadh gu cabhagach B’e ’aon nighean a thoileachadh saoghalta; cha robh beo dhe’n chloinn ach i fhein, aig bàs a mathair bha i faisg air coig bliadhn’ deug a dh’ aois. B’ainm d’i Mairi, ainm a mathar, agus b’e dealbh firinneach a mathar i gun teagamh. Eadhon na leanabh, bha i ro-eireachdail; ach mar a bha i fas suas, bha a cridhe aoibhinn, a neo-chiontas, a màldachd, a rùn neo-chealgach do na h-uile, a’ toirt fiachalachd dubailte d’ a maise. Bha rudeiginn caoimhneil agus uasal nach gabh innse ’na gnuis, rud eiginn nach eil ao-coltach ri maise aingil. Ma robh i coig bliadhn’ deug a dh’ aois chumadh i’n dachaidh ’s an ordugh a b’ fhearr; cha robh an stùr bu lugha ri fhaicinn anns an t-seomar shuidhe eireachdail; gach soitheach ’s a’ chidsinn a’ soillseachadh mar a bha iad ùr; bha an tigh uile gu leir ’na shampull math air glaine agus deagh ordugh. A bharrachd air a sin bha i cuideachadh a h-athar ’s a gh[?]dh le dichioll nach tré[?]dh agus b’ iad na h-uairean a bha i cuir seachad ’s an doigh so, a chuid bu toilichte bha i cunntas de ’saoghal. Bha fios aig a h-athair cia mar a chuirte an uine seachad le comhradh taitneach agus feumail. Bha meas ro-mhor aig Mairi air gach seorsa fhlùrs, agus cha robh sin ’na iongantas; oir dh’ fhàs i suas ’na measg, agus bu shaoghal dise an gàradh. Gheibheadh a h-athair di, a h-uile bliadhna, frasan, friamhaichean agus planntan ùra nach b’aithne dhi roimhe, agus dh’ ionnsuich e dhi oir gach leapa a bh’anns a’ ghàradh a chuir fo fhlùrs. ’Nuair a bhiodh Mairi air a socair, chuireadh i seachad a h-uine gu toilichte ris an obair so. Bha i ro-fhaiceallach air na fàilleanan òga, agus bheireadh i céill gu leoir gus an d’ thigeadh, iad fo bhlath, agus ’n uair a sgaoileadh na flùranan ris an robh duil aice bho chionn fada, bhiodh a solas aig airde. “’Se gairdeachas glan agus gun gho ’tha sin,” thuirt a h-athair le fiamh gaire air a ghnuis. “Tha moran ann a tha ’cuir barrachd de chrùin ’an obair òir, ’s an sioda, na tha mise cuir de fhàirdeinean ’am frasan fhlùran, ach fhathasd cha toir iad urad de thoileachadh fior agus neo-lochdach dha ’n cuid nigheanan ’sa tha mise toirt do m’ nighinn fhein.” Bha ’ga rireadh, a h-uile mios, cha ’n ann, ach a h-uile seachduin, toileachadh as ùr a tigh’n air lom do Mhairi. Is minig a dh’ eibh i a mach le toilinntinn, “Is gann gu’n urrainn do Phàras fhéin a bhi ni ’s taitniche na ’n gàradh againn.” Cha b’ urrainn do neach dol seachad air a’ gharadh gun stad tiota a choimhead le ioghnadh air maise nam flùran. Bhitheadh clann bheag an aite a’ toirt suil gu tric tromh’n gheata bheag, agus bheireadh Mairi dhaibh daonan beagan de na flùrs. Bha fios aig a h-athair, glic agus mar a bha e, cia mar a threoraicheadh e a gaol do na flùrs gu ruige cuspair a b’ airde. Theagaisg e i ann a’ seol ’s gu’m faiceadh i fhein ann am maise nam flurs, ’n an caochladh ghearraidhean, ’n an stioman finealta, ’n an cuma choimhlionta. agus ’n an daithean oirdhearc, caoimhneas, gliocas, mathas agus cumhachd Dhe. Bha e ’na chleachdadh aige a chiad uair anns a’ mhaduinn a chur seachad ’an urnaigh, agus as deigh so rachadh e le cridhe aotram thun na h-oibreach. Bha e [?]cachadh nach mor a b’ fhiach beatha duine mur a b’ urrainn da, a dh’ aindeoin drip an t-saoghal, uair no dha de dh’ uine a ghabhail da fhein gach latha, anns am faodadh e comhradh a bhi aige ri Chruthadair agus saothaireachadh airson na criche aird ’s nam Flaitheas. Ann am maduinnean breagha an Earraich agus an t-Samhraidh, bheireadh e leis Mairi fo sgàil nan craobh anns a’ ghàradh, far am faodadh iad eisdeachd ri ceol binn nan eun agus aig an am cheudna, a bhith faicinn an gàradh blath’or a’ boillsgeadh fo’n driuchd, agus aghaidh na duthcha gu leir a soillseachadh ann an solus or-bhuidhe na gréin mhaidne. Anns an ionad so labhair e rithe mu Dhia a chruthaich a’ ghrian airson soluis, a thug duinn uisge agus dealta, a tha beathachadh eun nan speur, agus ’tha sgeudachadh cho aluinn flùrs na machrach. Ann an so, mar an ceudna, dh’ innis e dhith gu’m b’e ’n t-Uile-chumhachdach Athair gradhach chloinn daoine, a dhearbh a ghaol duinn thairis air a chruthachadh gu leir le Mhac ionmhuinn a chur ’g ar n-ionnsaidh. Is ann an so, a rithist, a dh’ ionnsaich e ’h-urnaigh dhi, agus rachadh e-fhein air urnaigh comhla rithe, le uile chridhe. Bha ’n uine a chleachd iad a chuir seachad mar so a h-uile maduinn, ’na meadhon laidir gu gradh De fhadadh tràth ’na cridhe. Chomharraich e a mach dhith anns na flùrs iomhaighean boidheach nam feartan a tha freagarrach do mhaighdinn oig. Aon latha, trath ’s a Mhàrt, thug i le sòlas ’ga ionnsuidh, a chiad shail-chuaich (violet). Thuirt e rithe, “Bithidh am fluran maiseach so dhutsa, a Mhairi, ’n a dheagh leasan air umhlachd, air neo-chiontachd, agus air a bhi deanamh mathais far nach faicear thu, le moran. Tha e ga sgeudachadh fhein le daithean tla na béusachd; thig e fo bhlàth, gu toileach, ’an uaigneas, agus am falach am measg nan duilleag tha am fàileadh a’s cùbhraidh. Bi thusa, Mhairi a’ ghràidh, mar an t-sail-chuaich, seachainn moran riòmhaigh is lòiseam, agus bi daonan a’ deanamh math ann an doigh neo-fhoillaiseach.” Nuair a bha na ròsan ’s na lilidhean fo làn bhlàth, agus an gàradh gu leir ’n a aillidheachd, thuirt a h-athair ri Màiri agus e sealltuinn di lilidhean air an robh a’ ghrian mhaidne a dearrsadh; “Biodh na lilidhean dut-sa, mo nighean ghràdhach, na ’n samhla air neo-chiontas! Seall cho eireachdail, cho soilleir agus cho glan ’sa tha iad! Cha’n eil an satin a’s gile r’a shamhlachadh ri’n cuid dhuilleag, geal mar an sneachd. Is sona a mhaighdean òg sin a tha cho glan bho gach peacadh! Ach ’s e ’n dath is soilleire a’s riatnaiche air faire a thoirt da. Tha duilleag na lilidh ro-fhurasd’ a milleadh; gabhaidh i smal leis an laimsheachadh a’s lugha. Mar so ni droch fhacal no smaoin neo-chiontas a thruailleadh. Sheall e an ròs di agus thubhairt e, “Biodh an ròs dhutsa, a Mhairi, na shamhla air béusachd. Na’s bòidhche na deirg’ an ròis tha rugha glan na béusachd. Is sona a’ nighean og sin, a thig lasadh ’na gruaidh ’nuair a chluinneas i facal mi-fhreagarrach, agus e sheallas a h-aodann a’ faireachadh tha ’cridhe ’toirt seachad gu’m beil cunnart peacaidh ann. A’ ghruaidh a ghabhas athadh gu furasda, mairidh a h-eireachdas uine mhor; ach a ghnùis nach gabh nàire tuilleadh, fasaidh i neulach, buidhe, agus seargaidh i air falbh do ’n uaigh fada romh ’h-am.” Bhuain a h-athair, a sin, beagan de lilidhean agus de ròsan, shuain e an luib a cheile ’n an luschrun iad, thug e do Mhairi iad agus thubhairt e, “Tha na peathraichean boidheach so, na lilidhean agus na ròsan, a freagairt ro-mhath comhla, agus tha iad a sealltuinn mòran ni ’s taitniche cuideachd, mar so tha neo-chiontas ’us beusachd ’n an dluth [TD 2] [Vol. 9. No. 1. p. 2] pheathraichean d’ a cheile, nach gabh dealachadh. Thug Dia do neo-chiontas a phiuthar fhurachair so, béusachd gus rabhadh a thoirt seachad ma ’n chunnart ’na am. Lean thusa ri béusachd, mo nighean ghràdhach, agus cha churam nach bi neo-chiontas daonan ann ad lorg. Biodh do chridhe an còmhnuidh glan mar an lilidh, agus bithidh do ghruaidhean daonan eireachdail mar na ròsan.” Cha robh dad ’s an ghàradh bu bhòidhche ’na craobh bheag ubhal a bha ’fas an spot cruinn am meadhoin a’ gharaidh Chuir a h-athair i an latha a rugadh Mairi, agus bha i ’toirt nan ubhlan bu bhreagha ’s a b’ fhallainne a h-uile bliadhna. Air bliadhna àraid, bha i uile gu léir fo bhlàth, agus eireachdail thar cumantais. Bha Màiri dol ’ga coimhead a h-uile maduinn. Dh’ eibheadh i a mach, “O, nach maiseach i! Nach àluinn an dearg ’s an geal! Tha ’chraobh a’ coimhead mar gu ’m b’aon chnap fhlùrs uil’ i.” Thàinig i maduinn eile, ach bha’n reothadh an déigh am milleadh, dh’ fhàs na flùrs buidhe ’us donn, agus phreas iad suas ris a’ ghréin. Cha b’ urrainn do Mhàiri bacadh a chuir air a deòir, bha’n sealladh cho muladach. Ghabh a h-athair cothrom air staid Màiri gus a ghrathuinn rithe, “Is ann direach mar sin a sheargas ’s a dhubhas gach toileachadh breige snuadh boidheach na h-òige. O mo leanabh, biodh eagal ort bho dhroch stiùradh. Na’m bithinn air mo mhealladh anns an dòchas laidir a th’ agam ’gad thaobh, cha’n ann fad bliadhna ach fad do bheatha shillinn deòir moran na bu chraitiche na tha thusa a’ silleadh an dràsda. Cha bhithinn sona tuilleadh, agus rachainn sios do’n uaigh a gal.” Gu fior bha na deòir ’na shuilean, agus dhrùigh a bhriathran gu trom air Màiri. Fo sùil athair cho glic agus gradhaich so, dh’ fhàs Màiri suas a measg flùrs a ghàraidh, maiseach mar an ròs, glan mar an lilidh, beusach mar an t-sail-chuaich, agus cho gealltanach ri craoibh fo lan bhlath. Is am le mor thoileachadh a shealladh an seann duine air a ghàradh gaolach, a bha pàigheadh a shaoithreach le toradh cho math; ach dh’ fhairich e toileachadh bu doimhne na sin fhathasd, agus b’e sin a bhi faicinn a nighinn agus an toraidh mhaith a bha ’chuid seolaidhean di a’ toirt seachad. (Ri leantuinn.) Cha’n eil moran iomraidh ’san àm so air a chogadh an Africa mu Dheas. Ged a tha na Boerich car draghail fhathast, cha’n eil eagal sam bith gu’n cuir iad call no bacadh mor air an arm Bhreatunnach tuilleadh. Tha iad gach latha tréigsinn an ceannardan, ’sa dol air ais gu ’n tuathanachas. B’ fhearr dhaibh gu robh iad air fuireach aice. Bha réis each ann an Sidni Tuath Di-luain. Bha réis gu bhi ann an Sidni Di-ciaduin, ach bha’n t-uisg’ ann, agus chuireadh seachad i gus a cheud latha briagha thigeadh. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XXIII. An uair a ràinig iad far an robh na fir a bha gleidheadh an òir, agus a dh’ innis iad mar a thachair dhaibh, thuirt am Frangach riutha, “Ma ta, fheara, tha eagal ormsa gu’n do chuir sibh sibh-fhein ann an lion bhur millidh. Is dòcha gu’n caill sibh na bhuinig sibh a dh’ or, agus ma dh’ fhaoidte bhur beatha mar an ceudna. Faodaidh sibh a bhith cinnteach nach bi na daoine a chuir an t-òr am falach fada gun tighinn an rathad, agus ma gheibh iad greim oirbh, cha bhi e fuarasda dhuibh sibh-fhein a dhion orra. Nan gabhadh sibh mo chomhairle-sa thilleadh sibh air ais leis, agus chuireadh sibh e far an d’ fhuair sibh e.” So rudh nach robh aon seach aon dhiubh deònach a dheanamh. Thuirt iad á beul a chéile, nach deanadh iad ach iad-fhein a chur ann an cunnart bu mhò na’n cunnart anns an robh iad. Gun dàil sam bith dh’ fhadaidh iad teine math, agus ròst iad an fheoil a fhuair iad an crochadh ris a’ craoibh. Bha i cho fada marbh ’s gur gann ’a chuireadh iad thun am beòl i, mur b’ e gu ’n robh iad gu fannachadh le cion bidh. Cho luath ’s a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n fheoil, rinn iad deiseil air son falbh. An àite a dhol tarsuinn air an amhainn mar a bha dùil aca an toiseach a dheanadh iad, smaoinich iad gu ’m b’ fhearr gabhail rompa ri srath na h-aimhne, a chum, nam bu chomasach e, gu ’n seachnadh iad na daoine o’n do ghoid iad an t-òr. Chuir iad iad-fhein ann an òrdugh anns an saoileadh iad am b’fhearr a rachadh aca air iad fhein a dhìon nan cuirteadh dragh orra. Bha na gunnachan a bha aca làn, agus bha sùil am mach aca air gach taobh, rom pa, agus na’n déigh, air eagal gu ’n tigeadh an tòrachd orra taobh sam bith. Bha ceathrar air thoiseach, ceathrar eile air dheireadh, agus ceathrar air gach taobh, agus na gunnachan aca air an leith-togail. Anns an òrdugh so gabh iad air an aghart le ceum cho cabhagach ’s a rachadh aca air a dheanamh. Lean iad rompa mar so gun stad gus an do thuit an oidhche. O’n a bha iad fhein ’s na h-eich sgìth, stad iad ann an àite cho sàbhailte ’s a gheibheadh iad, agus chuir iad seachad an oidhche ann. Cha d’ rinn iad a bheag sam bith de chadal ged a chaidh iad car greise ’nan sìneadh. A h-uile uair a thuiteadh iad ’nan cadal bhiodh iad a’ bruadar gu’n robh an luchd-tòrachd gus a bhith air am muin. Ann an soilleireachadh an latha thog iad orra, agus dh’ fhalbh iad. Bha iad gu math na b’ fhearr misneach na bha iad am feasgar roimhe sid. Greis an déigh do’ n ghréin éirigh, an uair a bha iad air bearradh a’ mhonaidh rinn iad am mach gu’n robh àireamh mhath mharcaichcan beagan mhìltean air thoiseach orra; ach cha b’ urrainn daibh a bhith cinnteach an toiseach co dhiubh a bha iad a’ tighinn ’nan coinneamh no nach robh. An ùine gun bhith fada thuig iad gu ’n robh iad a’ deanamh dìreach orra, agus bhuail an t-eagal iad. Cha robh fhios aca ciod a dheanadh iad. Cha robh feum sam bith dhaibh feuchainn ri teicheadh, o’n a bha iad fhein ’s an cuid each gu mòr air an claoidh. Rinn iad suas eatorra fhein gu ’n cathaicheadh iad gu bàs, nam b’ éiginn e. Bha iad ’gan deanamh fhein cinnteach gur ann gus an spuinneadh a bha na marcaichean a’ tighinn far an robh iad. An uair a thàinig na marcaichean cho dlùth dhaibh ’s gu’n rachadh aca air an cunntas, chunnaic iad nach robh ann ach deichnear. Thug so beagan misnich dhaibh; agus thuirt iad ri chéile gu’n rachadh aca air an teicheadh a chur orra, o’n a bha dlùth air dithis mu choinneamh an fhir ann dhiubh. Stad na marcaichean an uair a bha iad mu chairteal a’ mhìle uapa. Agus an ceann beagan mhionaidean mharcaich fear dhiubh air a shocair far an robh iad. Bhruidhinn e riutha gu sìobhalta, agus dh’ fheòraich e dhiubh co iad, co as a thàinig iad, agus c’ aite an robh iad a’ dol. B’ e am Frangach a fhreagair e, agus thuirt e ris, gu’n d’ thàinig iad air astar fada, agus gu’n robh iad a’ gabhail rompa a dh’ ionnsuidh a’ bhaile-puirt a b’ fhaisge dhaibh. Cha do chòrd na freagairtean a thug am Frangach air ris a’ mharcaiche, idir. Ghabh e amhrus gu’n robh nam beachd cron a dheanamh air fhein ’s air an naoinear eile a bha maille ris. Thuig am Frangach gu ’m b’ ann mar so a bha, agus thuirt e, “Ma ’s e sith a tha ’nad bheachd, ni sinne sìth riut; ach ma’s aimhreit a tha uat, gheibh thu do dhiol dhith. Cha ’n ’eil mise ’meas gu’m bheil e sàbhailte dhuinn ceann ar gnothaich innseadh do na h-uile a thachras ruinn anns an àite neo-chriosdail so. Ma dh’ innseas tusa dhuinne ceann do ghnothaich innsidh sinne dhutsa co sinn, co as a thàinig sinn, agus c’ aite am bheil sinn a’ dòl.” “Innsidh mise dhut gu saor ciod a chuir an so mi an diugh,” ars’ am marcaiche; “bha mi fhein agus dithis chompanach a’ buinig an òir, agus chaidh leinn gle mhath. An uair a bha sinn a’ tilleadh dhachaidh thachair buidheann robairean ruinn, agus air ghaol ar beatha shàbhaladh thug sinn dhaibh ar cuid dhe’n t-saoghal. Cha robh againn ach tilleadh dhachaidh lom falamh. Dheònaich seachdnar eile dhe mo luchd-eòlais falbh comhladh ruinn, an dòchas gu’m faigheamaid greim air an òr a thugadh uainn, no air na daoine a thug uainn e. Ma chunnaic sibhse na daonie, innsibh dhomhsa e, agus cha chuir sinn dragh sam bith oirbh.” “O’n a dh’ innis thusa ceann do thuruis dhuinne, innsidh mise dhutsa ciod e chuir an so sinn. Bha sinne ’buinig an òir sinn-fhein, agus air eagal gu ’n tachradh robairean ruinn air ar turus dhachaidh, dh’ atharraich sinn ar cùrsa an latha ’n deigh dhuinn falbh as na mèinnean. Cha ’n ’eil fhios againn c’ aite am bheil sinn, no idir ciod e am baile-puirt a’s fhaisge dhuinn. Cha do thachair duine ruinn o’n dh’ fhalbh sinn as na mèinnean gus a so.” Bhuail e anns a’ cheann aig an Fhrangach gur dòcha gu’m bu leis a’ mharcaiche ’s le ’chompanaich an t-òr a fhuair iad am falach anns a’ choille, agus thuirt e, “An aithnicheadh tu do chuid òir fhéin nam faiceadh tu e?” Thainig fiamh gàire air gnuis a’ mharcaiche, agus thuirt e, “Tha aon òr coltach ri òr eile; ach shaoilinn gu’n aithnichchinn mo chuid fhéin, nam faicinn e. Bha e agam ann am pocannan beaga air an robh a’ cheud dà litir dhe m’ ainm sgriobhte; ach is dòcha nach d’fhàg na robairean fad anns na pocannan e. Cha ’n ’eil a’ bheag a dhùil agam gu ’m faigh mi mo chuid fhein gu bràth; ach tha mi-fhein ’s mo chompanaich suidhichte nach till sinn gus am faigh sinn greim air na fir a thug uainn an t-òr air son an do shaothraich sinn gu goirt fad dà bhliadhna.” “C’ ainm a tha ort?” ars’ am Frangach. “Tha, Tim O’Laoghaire,” ars’ am marcaiche, “agus bha T. O. sgrìobhte air na pocannan anns an robh an t-òr agam.” “An aithnicheadh tu na daoine a thug uaibh an t-òr? ars’ am Frangach. “Dh’ aithnichinn iad an àite sam bith dhe ’n t-saoghal anns am faicinn iad.” “Seall air a h-uile duine a tha ’n so, agus innis dhomhsa am bheil a h-aon ’nam measg a tha coltach ris na daoine a thug uat an t-òr.” Bheachdaich Tim gu geur air fear an déigh fir dhiubh, agus thuirt e nach robh aon dhiubh anns a’ bhuidheann a thug uapa an t-òr. “Tha thu fortanach fhathast,” ars’ am Frangach; “tha do chuid òir againne, ged nach sinn a thug uat e.” Sheall am marcaiche air an Fhrangach mar gu’m biodh e ’saoilsinn gur ann a’ deanamh spòrs dheth a bha e. Dh’ innis am Frangach dha mar a fhuair iad an t-òr; mar a bha e fhein an aghaidh dhaibh a thoirt leotha air eagal gu ’n tigeadh tòrachd ’na dhéigh. “Bheir sinn dhut e anns an t-seasamh bonn; agus tha sinn an dòchas nach [TD 3] [Vol. 9. No. 1. p. 3] téid sibh na’s fhaide air thoir nan robairean. Cha ’n iarr sinn a’ phàigheadh ort ach gu’n treòraich thu sinn a dh’ ionnsuidh a’ bhaile-puirt a’s fhaisge dhuinn, agus ma tha biadh agaibh gu ’n toir sibh dhuinn beagan dheth, oir tha sinn gu bhith dhìth a chion a’ bhidh.” Thug am marcaiche leum bhar muin an eich, agus thug e gu creidheil crathadh làimhe do na h-uile fear a bh’ anns a’ chuideachd. Chuir e séideag anns an fhìdeig a bh’ aige, agus ghrad thàinig an naoinear mharcaichean eile ’nan teann-ruith far an robh e. Dh’ ìnnis e dhaibh ann am beagan fhacal mar a chuir am fortan an t-òr ’na luib aon uair eile. Thachair gu’n robh cuid mhath de bhiadh aca; oir cha robh fhios aca c’ àite am faigheadh iad biadh mur tugadh iad leotha e. Leig iad uile as na h-eich far an robh iad, agus chuir iad di-leum orra, agus roinn iad am biadh air a chéile cho càirdeil ’s ged a bhiodh iad eòlach air a chéile o’n òige. An àm bhith ’gabhail a’ bhìdh dh’ innis Tim do’n Fhrangach nach robh iad ach mu astar leth latha o’n bhaile puirt a b’ fhaisge dhaibh, agus gu’n ruigeadh iad e mu ’n tuiteadh an oidhche an déigh dhaibh anail mhath a leigeadh far an robh iad. Fhad ’s a bha iad a’ leigeadh an analach bha iad uile gu càirdeil a’ comhradh ri chéile agus ag innseadh dha chéile mar a thachair dhaibh taobh air thaobh o’n a dh’ fhalbh iad as na duthchannan do’m buineadh iad, ’Na dheigh sin thog iad orra gu falbh. Thug Tim fear dhe na bha comhladh ris a thaobh car tiotaidh, agus thuirt e ris, e fhein agus dithis eile ghrad fhalbh air thoiseach do ’n bhaile, agus biadh is àite-fuirich math comfhurtail a bhith aca deiseil air son na cuideachd gu leir an uair a ruigeadh iad. Rinn iad so, agus ann am beul anamoch na h-oidhche an uair a ràinig a’ mhòr-chuideachd am baile, agus iad fhein ’s an cuid each glé sgith, bha biadh is leaba ’feitheamh orra ann an aon dhe na taighean-òsda cho mòr ’s a bh’ anns a’ bhaile. Sgìth ’s mar a bha iad, bha iad greis mhath gun dol a laidhe an deigh dhaibh an suipear a ghabhail. Bha iad uile glé thaingeil gu ’n d’ fhuair iad gu sàbhailte as gach cunnart ’s an robh ìad. Bha Domhull is Callum ag ràdh nach bu chuimhne leotha gu ’n do chaidil iad oidhche riamh air muir no air tìr cho trom ’s a chaidil iad an oidhche ud. Anns a’ mhadainn an déigh dhaibh am biadh a ghabhail, chaidh iad uile am mach air feadh a’ bhaile. Chaidh Domhull is Callum sìos thun a’ cheidhe; agus ciod a b’ iongantaiche leotha na sgiobair na luinge air an d’ fhalbh iad a Breatunn fhaicinn ’na sheasamh air a’ cheidhe. Ghabh iad dìreach far an robh e, agus chuir iad faillte air gu cridheil. Agus ma bha ioghnadh orrasan, is ann a bha ’n t-ioghnadh airsan. Ghrad thug e leis iad gu bòrd agus dh’ innis iad dha a h-uile car mar a dh’ eirich dhaibh o’n latha ’dh’ fhàgadh air an eilean iad. Chuir na dh’ innis iad dha ioghnadh gu leòr air. Cha robh dùil sam bith aige gu ’m faiceadh e sealladh dhiubh gu bràth. Dh’ innis e dhaibh gu’n robh e gun dàil gu seòladh gu ruige Breatunn, agus nach robh ni ’g a chumail gun fhalbh ach a’ feitheamh gus am faigheadh e dithis de sgiobadh an àite an dithis a theich air gus a dhol a bhuinig an òir. An uair a chuala iad so, thairg iad falbh còmhladh ris, agus thuirt iad nach d’ rinn iad car riamh cho toilichte ri falbh comhladh ris aon uair eile. (Ri leantuinn.) Alba fo Shasuinn. Bha Eideard ’na dhuine làidir ’am pearsa. Theirteadh Fad-luirgneach ris a thaobh co àrd ’s a bha e. Bha e mar an ceudna co seòlta ’s a bha e co fuilteach. B’ aithne dha crùbadh sìos roimh dha leum air a’ chreich, cosmhuil ris an liopard, a bha e ’giùlan mar shuaicheantas air a’ sgéith. ’N uair a chuir àireamh maith, mu’n cuairt do dhusan, de na tighearnan Albannach còir thagraidh a steach air a’ chrùn, mar mhuinntir a bha’n dlùth chàirdeas ris an teaghlach rioghail, cho-aontaich, iad air sgàth dòirteadh fola ’sheachnadh, an còraichean a chur fa chomhair rìgh Shasuinn, mar an coimhearsnach bu chumhachdaiche a bh’aca ’s a bhi riaraichte leis a’ bhreith a bheireadh e. Chuir e mar chumh’ orra gu’m feumadh iad e féin aideachadh mar àrd-thighearna, no uachdaran na rioghachd. Chuir an t-agartas so iongantas ’us uamhas air an àireamh de àrd mhaithean, ’s de luchd-eaglais na h-Alba, a bh’ air tional gus a choinneachadh aig a’ chrìch Shasunnaich, agus dhiùlt iad freagradh sam bith a thoirt gus am biodh ùin’ ac’ an comhairl’ a chur ri ’chéil’ air leth. “Ach,” ars’ esan le spuradh uamhasach, “air Naomh Eideard, d’ am buin an crùn a th’ air mo cheann, bheir mi mach mo choir cheart, no caillear mi ’s an oidhirp.” Aig an àm cheudna sgaoil e’n comh-chruinneachadh Albannach, a’ toirt doibh trì seachduinnean de dhàil gu iad féin a thoirt a nuas a dh’ ionnsuidh an ni a bha e ’g iarraidh. Bha’n rioghachd co mòr air a roinn le àireamh co lionmhor de luchd comhshreip a bha sealltuinn air son a chrùin ’s gu’m faca na bha dhaoine glic, innte nach robh coslas sam bith air gu’m b’ urrainn iad aghaidh a chumail ris an nàmhaid chuilbheartach ud, a bha ga chromadh féin sios gu grad leum orra aig a’ cheud chothrom a gheibheadh e. Dh’ fhàg iad an gnothuch gu h-iomlan eadar e féin “’s an dusan,” Agus ’nuair thàinig an ceann là, choinnich an dà fhear-dheug sin Eideard a ris, ’s mar a bha gach fear ’an dùil gu’n cuirte comain air an aon a b’ ullaimh a bhiodh gus am breitheamh a thoileachadh, dh’ aidich iad uile, fear ’an déigh fir, gu ’n robh iad deònach air a chrùn a ghabhail o làimh Eideaird mar àrd thighearna na tìre!!! Bha fios aig Fad-luirgneach gu math co dheth ’n deanadh e atharrais rìgh. Ach ’nuair a fhuair e iad uile mar sud gu ’dhòigh féin, thòisich e le mòr sholuimteachd, ma b’ fhior air rannsachadh còir gach aoin fa leth dhiubh air a’ chrùn. Chunnacas gu h-ath-ghoirid gu’n robh ’chòir a’ seasamh eadar Raibeart Brus, Morair Annandail, agus Iain Bailiol, triath Ghalobhaigh. B’ iad sin da rìreadh a b’ fhaisg’, a thaobh cairdeis, air an teaghlach rìoghail a dh’ fhalbh. B’e Bailiol ogha Maireireit, nighean bu shine Dhaibhidh, Iarla Huntington, bràthair Uilleam an Leòmhan, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar sin b’e brathair seanar Alastair III. Thug Eideard an crùn do Bhailiol. Fhuair e cothrom tighinn gu ruige Scoinne gu bhi air a chrùnadh, ach b’ éigin da dol a ris do Shasunn a dheanamh ùmhlachd do Eideard. An déigh an allabain so uile thàinig e air ais do cheann bhaile na rioghachd gu suidh’ air rìgh-chaithir Alba ’bha glé dheilgneach. B’e ’n rian a ghabh Eideard air son fàth fhaotainn gu thilgeadh thar na caithreach, a bhi ga shior-shàrachadh le fanoid ’s le fòirneirt, gus an eignicheadh se e gu éiridh ’an ceannairc. Na’m biodh neach sam bith ’an Alba mi-riaraichte leis a cheartas a bha Baliol a deanamh dha, bha Eideard a’ fiadhachadh gach aon dhiubh sin gus a chùis a thogail gu ’chùirt féin. Bha e mar bu trice mar so a cur an neo-bhrigh gach cùis-bhreith a bha Baliol a’ toirt ’an Alba, ’s a deanamh cùis-mhagaidh dheth am fianuis a chuid iochdarana féin. Na’n gabhadh e dhànadas air gearan sam bith a dheanamh air deanadas Eideard, bha’n smachdachadh air a dheanamh mòran ni bu mhiosa. Fadheòidh, leis gach gonadh ’us tàmailt a bha e faotainn, rùnaich Bailiol còmhnadh iarraidh air righ na Frainge gus a chuing Shasunnach a thilgeadh dheth; agus sgriobh e dh’ ionnsuidh Eideard nach robh e gu bhi ni b’ fhaide ’na eisimeil ’an ni sam bith. “Ah!” ars am Fad-luirgneach, “an dàna leis an leth-chiallach ud gniomh co amaideach a dheanamh; o nach ruig e sinne, mar is dleasdanach dha, théid sinn e far am bheil esan.” Chruinnich an Sasunnach feachd lìonmhor air ceann an do thriall e do Alba. Chuir e ’n ruaig air Bailiol ’am blàr a chuireadh aig Dunbhàr. Mar a bha Bailiol ’na dhuine meath-chridheach leig e seachad an còmhrag. Thàinig e gu h-umhal ga thoirt féin suas do Eideard, ag aideachadh gu ’m b’ ann le droch comhairle muinntir eile ’bha e air a bhrosnachadh gu ceannairc ’an aghaidh an neach a b’e àrd-thigheanna; agus ag aiseag air ais do Eideard rioghachd Alba, leis gach dligh’ a bhuineadh do’n chrùn, chaidh a rùsgadh an sin de gach inbh’ ’us onoir a bh’ aige, agus a leigeadh air falbh, ’an déigh beagan prìosanachaidh, mar chreutair gun diù, ’an déigh ai[?]eachas rioghalachd a mhealtuinn ré chùig bliadhna. Fhuair Eideard a nis an rud a bha o’ miannachadh ’s ag iarruidh o cheann fada, cion-fàth no leth sgeul air son Alba thoirt gu h-iomlan fo a chomannda féin, gun uiread ’us faileas righ no uachdarain a bha seasamh eadar e ’sa thoil féin fhaotainn deant’ o cheann gu ceann de’n eilean Bhreatunnach. Thriall e troimh Alba air cheann feachd chumhachdaich, a’ toirt air an t-sluagh anns gach inbhe fa leth e féin aideachadh mar an righ dligheach uaithe sud a mach. Lion e daingnichean Alba gu h-iomlan le freiceadainibh de shaighdearan Sasunnach. Dh’ òrduich e Iarla Mhuireidh ’na fhear-dìon Alba, ’s shuidhich e Sasunnaich ’an àrd dhreuchdaibh stàtail na rioghachd. Thug e leis crùn agus slat rioghail Alba, agus eadhon clach a’ Mhanaidh, an Lia Fàil, air am b’ àbhaist a bhi ’cur rìghrean na h-Alba ’n an suidh’ aig àm a bhi ga’n crùnadh. Tha ’Chlach iomraiteach sin air lorg fathast ’an Lunuinn, agus a’ deanamh suas pàirt de’n chaithir air an bi righ Shasuinn a’ suidhe ’n àm a bhi ’ga chrùnadh. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh mar an ceudna gu’n tug Eideard air falbh còraichean sgriobhta nan tighean Mhanach, agus na h-eachdraidhean bu shine ’fhuair e annta gus am milleadh e na h-uile dearbhadh sgrìobht’ air gu’n robh Alba roimhe sud ’na rioghachd shaoir. ’An déigh na h-uile chur as an òrdugh a thogair e féin, phill e dhachaidh le buaidh chaithream, a’ giùlain nan seudan bu ro luachmhoir’ a bhuineadh do ’n rioghachd ud a bha e nis an dùil bu leis féin ’s le ’shliochd uaithe sud a mach. Bidh ainmean na muinntir a phaigh anns a phaipeir air an ath sheachdain. O’n is e so toiseach na bliadhna, bu chòir do’n luchd-gabhail uile am pàigheadh bliadhnail a chur a stigh gun dàil. ’Se sin an aon dòigh air an gabh am paipeir cumail air adhart ’s air steidh cheart. Tha mi-chòrdadh air éiridh eadar Mr. R. G. Reid, agus riaghladh Newfoundland. Cha’n eil an riaghladh deònach gach ni a tha e ’g iarraidh thoirt dha. Tha Reid, uime sin, a’ dol a chur stad air moran dhe na h-obraichean a tha e cur air adhart. SEAN-FHOCAIL. Thig an t-acras da uair. Is fada lamh an fheumnaich. Sealladh ard seana mhaighdinn. ’S ann am maireach thig an gille gun naire dhachaidh. [TD 4] [Vol. 9. No. 1. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, IULAIDH 6, 1900. Leis an àireamh so tha MAC TALLA a tòiseachadh air bliadhn’ ùr—an naodhamh bliadhna dhe ’bheatha. Is fhada o’n dhearbh e gu bheil e comasach do phaipear Gàilig a bhi beò anns an dùthaich so; cha’n eil aige nise ach a dhol air adhart agus, le còmhnadh a chàirdean fás na’s làidire ’s na’s fhearr o bhliadhna gu bliabhna. Tha e ’n deigh moran chàirdean a dheanamh dha féin anns gach cearna dhe’n t-saoghal, a tha seasamh gu dileas ri chùl, ’s ’ga chuideachadh cho math ’sa tha ’nan comas. B’ fhearr gu robh an àireamh na bu mhotha, ach na th’ ann dhiubh, is Gàidheil iad cho dileas d’an dùthaich ’s d’ an cànain ’sa dh’ iarramaid fhaotainn. Cha’n urrainn dhuinn a radh aig an àm so ach gu bheil romhainn air a bhliadhna so feuchainn ris a MHAC TALLA a dheanamh cho math ’s gu’n coisinn e meas agus moladh nan Gàidheal uile. ’S e ’n aon ni a bhios ’san amharc aige, leas nan Gàidheal agus na Gàilig—Gu ma fada beò iad le cheile! Tha e gle choltach gu bheil taghadh gu bhi againn an Canada mu’n teid moran mhiosan seachad. Tha e cinnteach gu leòr gu’m bi i ann mu’n suidh tigh na pàrlamaid a rithist, oir thig crioch air beatha na pàrlamaid so an Iun an ath bhliadhna, agus cha b’ urrainn suidhe eile dhith a bhi thairis romh ’n àm sin. A bharrachd air sin, tha cùisean na dùthcha ag amharc cho math air a’ bhliadhna so ’s nach b’ urrainn an Riaghladh àm a b’ fhàbharraiche fhaotainn air son a dhol fa chomhair an t-sluaigh a dh’ iarraidh cothrom-riaghlaidh fad choig bliadhn’ eile. Faodar, uime sin, sùil a bhi ris an taghadh mu’n tig an geamhradh. ’S e Uilleam Mac Fhionnlaidh a tha na Republicans a’ cur a’ ruith air an fhoghar s’a tighinn air son a bhi ’na cheann-suidhe anns na Staidean, agus Theodore Roosevelt air son a bhi ’na iar-cheann-suidhe. Cha do thagh na Democrats an daoine fhéin fhathast, ach cia air bith a thaghas iadsan, tha e gle choltach gu’m bi Mac Fhionnlaidh us Roosevelt a stigh. Tha iad le chéile ’nan daoine làidir, seasmhach, as am bheil deagh earbsa aig an t-sluagh. Tha Roosevelt na Riaghladair air staid New York, ach leigidh e sin dheth mu’n tig àm an taghaidh. Cleachduin us Eisempleir. Cha ’n ’eil ach ceum beag eadar Cleachduin ’us Eisempleir. Is dà phiuthair iad—nigheanan na h-aon Mhathar. An ni a tha thu fein a deanamh, ’s e sin do Chleachduin; an ni a tha do choimhearsnach a’ deanamh, ’s e sin d’ Eisempleir. Gheibh thu toilinntinn a’ d’ ghniomh fein le bhi tric ’g a dheanamh; gheibh thu toilinntinn an gniomh do chomhearsnaich le bhi an comhnuidh ’g a fhaicinn. ’S e ’n aon bhuaidh inntinn a ni cinnteach nach diobair thu do Chleachduin fein ’s gun iunnsaich thu Eisempleir do choimhearsnaich. Tha e so-thuigsinn, ma ta, gu’m biodh buaidh aig a’ bheil aite cho bunaiteach an inntinn an duine, a’ riaghladh a’ chinne-daonna o thoiseach an t-saoghail. Ach tha e dlu air bhi do-thuigsinn, mar tha e gun teagamh do-innseadh, an cumhachd a th’ aig cleachduìn ar coimhearsnaich thairis air ar caithe-beatha. Cha mhor an aireamh, agus is coma ged nach mor, a tha cho neo-mhothachail air Eisempleir mhaith no olc ’s a bha clann fir Ruspuinn, ma ’s fior Rob Donn: “Bu daoine nach d’ rinn briseadh ian Le fiosrachadh do chach, S cha mho a rinn iad aon dad Ris an can an Saoghal gras; Ach ghineadh iad, ’us rugadh iad. ’Us thogadh iad, ’us dh’ fhas; Chaidh stràc de’n t-saoghal thairis orr’ ’S mu dheireadh fhuair iad bas.” “Tha ’n Saoghal air a’ riaghladh le Gliocas, le Ughdarras, agus le Eisempleir;” b’e so beachd duine cho geur ’s cho fiosrach ’s a chunnacas ’s an Roinn-Eorpa o chionn iomadh linn. Agus nach feudar a’ radh gur e, mar is trice, Eisempleir is cumhachdaiche de’n triuir. Nach tric a chunnacas ann an Eachdraidh an t-saoghail tàir ’g a dheanamh air comhairle ghlic, dùlan ’g a thoirt do ordugh an Righ, ach c’uin no c’aite nach faigheadh Eisempleir eisdeachd agus umhlachd. Cha ’n e Reusan no Reachd, ach Abhaist d’ am bheil sinn ullamh gu striochdadh. Cha ’n e Feachd ach Fasan nan Greugach a chiosnaich na Romanaich. Agus o chionn iomadh bliadhna nach e Fasan is cumhachaiche na Firinn ’s an Fhraing. Ciamar a thuigeas sinn iomadh cleachduin a ghleidh an lamh-an-uachdar ann an iomadh duthaich ré iomadh linn, a dh’ aindeoin solus an Reusain, ughdarras an Lagha, agus faobhar a Chlaidheimh, gun a bhi ’cumail air chuimhne buaidh na h-Abhaist thairis air inntinn an duine? An lamh a bheir, ’s i gheibh. Is fearr a bhi bochd na breugach. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29, 1900 1yr A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 5] [Vol. 9. No. 1. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha cuideachd a’ ghuail a’ cur ochd mile tunna guail os cionn talmhainn na h-uile seachdain. Agus tha aon no dha dhe na mèinnean nach eil ag obair leis cho gann ’sa tha na daoine. Chaidh fear Seumas Caimbeul a dhiteadh air son meairle agus bristeadh-taighean ann an Amherst, air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuair e ochd bliadhn’ deug dhe’n tigh-obrach. Chaidh factoridh adan na teine ann an Truro toiseach na seachdain s’a chaidh. Loisgeadh fiach choig mile deug dolair, agus cha robh de dh’ airgead-urrais oirre ach ceithir mile dolair. Thatar a meas gu’m bi eadar nach $25,000,000 us $40,000,000 de dh’ òr air a chur a mach as a’ Chonldaic air an t-samhradh so, barrachd mor ’sa chuireadh a mach as air an t-samhradh an uiridh. Bha an Riaghladair Mac Callum, Newfoundland, agus àireamh de dh’ uaislean eile comhla ris, anns a’ bhaile Di-mairt s’a chaidh; chuir iad cuairt air na h-obraichean iaruinn, agus dh’ fhalbh iad air a Bhruce feasgar. Is còir do na Gàidheil a bhi déileadh riuthasan a tha ’cur sanas anns a’ MHAC-TALLA. Bidh iad mar sin a’ cuideachadh leis a phaipeir gu math, agus tha gach ni a chuidicheas leis a phaipeir ’na bhuannachd do’n luchd-leughaidh. Bha coinneamh siorrachd aig Comunn Stuaime nan Caitliceach. League of the Cross, anns a bhaile Di-luain. Tha Aid Chomunn a nise air a shuidheachadh, a bhios os cionn gach meur dhd’n chomunn anns an t-siorrachd. Bidh an ath choinneamh aca air an treas latha de September. Chaidh an Riaghladair Mac Aonghais a chur á dreuchd beagan lathaichean an deigh an taghaidh ann an Columbia Bhreatunnach. Rinn e dragh agus tromhe chéile nach bu bheag fhad ’sa bha e na Riaghladair, agus cha do mheas an t-àrd-riaghladh iomchuidh cur suas leis na b’fhaide. Bha Di-luain s’a chaidh air a chumail ’na latha saor anns a bhaile, ach cha robh e air a choimhead cho math ’sa b’ àbhaist. Bha Di-ciadnin, an ceathramh latha—latha mor nan Stàidean-air a chumail le muinntir na dùthcha sin a tha ’g obair fo chuideachd an iaruinn. Chaidh àireamh mhor dhiubh air turus bàta gu Baddeck. Air an ath bhliadhna, bidh Prionnsa Wales tri fichead bliadhna dh’ aois. Bidh e ’n uair sin air a bhi ’na Phrionnsa Wales na’s fhaide na bha aon riamh riomhe. Tha e-fhéin ’sa mhàthair rioghail a’ dol faisg air bàrr a thoirt air gach ùrra rioghail air am bheil eachdraidh a toirt iomradh. Cha do rioghaich neach riamh na b’ fhaide na tha Ban-righ Victoria air a dheanamh cheana ach Liuthas IV, na Frainge; tha aice ri bhi air a chathair naodh bliadhn’ eile mu’m bi i suas ris-san, oir bha e ’na righ tri fichead bliadhna ’sa dha dheug. Tha an t-side o chionn còrr us seachdain gle fhàbharrach do’n dùthaich. Tha frasan trom’ uisge sileadh, agus tha adhartas mor a’ tighinn air feur ’s air bàrr dhe gach seòrsa. Chaidh gill òg d’ an ainm Scott, ann an Sidni Tuath, a ghoirteachadh le spraidheadh fire-crakcer Di-luain s’a chaidh. Tha e gle choltach gun chaill e te dhe shùilean air tailleabh an sgiorraidh. Tha an circus aig Lemen Brothers ri bhi anns a bhaile air a 14mh latha dhe’n mhios so. Tha cruinneachadh mor de bheothaichean fiadhaich aca, agus tha iomadh ni ri fhaicinn aca nach fhaicear aig circus sam bith eile. Chaidh an t-Eadailteach a loisg air a mhaor Mac Eachairn, nuair a bha e ’ga ghlacadh ann an Louisburg, fhaotainn ciontach aig a chùirt mhoir, agus fhuair e sia bliadhna dhe’n tigh-obrach Cha d’fhuaireadh e ciontach dhe’n ghniomh airson an deach am maor ga ghlacadh, agus na’n robh e air e-fhéin a thoirt suas gu sitheil, bhiodh e ’n diugh ’na dhuine saor. Fhuair fear eile, Walsh, a thilg botull air a charbad-iaruinn an deigh do’n chonductor a chur dheth, da bhliadhna dhe’n ionad-smachdachaidh cheudna. Chaidh an t-Onarach A. R. Dickey, a bha aon uair ’na Mhinisteir Ceartais an Canada, a bhathadh air a chladach mu dheich mile bho Amherst, feasgar Di luain s’a chaidh. Bha e leis fhéin nuair a thachair an sgiorradh. Thatar a’ deanamh a mach gu robh e snàmh, agus gu’n do bhuail greim e, cho dona ’s nach b’ urrainn dha tir a ruigheachd. Fhuaireadh a chorp ann an àite ’s nach robh an t-uisge ach da throigh a dhoimhnead. Bha a chuid aodaich air na creagan mu dha cheud slat o’n àite ’s an d’ fhuuireadh a chorp. Bha teine uamhasach ann an New York, oidhche Di-satharna s’a chaidh, leis an do chailleadh da cheud beatha. Bhrist an teine mach mu na ceidheachan aig an North German Lloyd Co.; bha tri soithichean mora smùide air an losgadh, agus cha d’ fhuair ach àireamh gle bheag dhiubh-san a bh’ air bòrd as le ’m beatha. A bhauachd air na fhuair bàs, bha mu thri ceud air an losgadh gu dona. Tha an call a rinneadh le losgadh nan ceidheachan ’s nan soithichean air a mheas aig deich muillein dolair. Sgriobh am Breitheamh Weatherbe gu Cleireach na Siorrachd air an t-seachdain s’a chaidh ag àithne do’n t-siorrachd tigh-cùrtach agus priosan ùr a thogail. Ghearain na Breitheamhna uair us uair, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, air tigh na cùrtach ach cha d’thainig an lorg nan gearainean sin ach beagan càraidh a rinneadh air an uiridh. Mur cuir an t-siorrachd fhein mu dheibhinn gu’n dàil, theid aig a Bhreitheamh air òrdugh fhaotainn o riaghladh Nobha Scotia air son tigh-cùrtach us priosan ùr a chur suas air chosg na siorrachd. AIR CHALL EADAR Drumbro agus am Post Office, uaireadair agus slabhruidh oir. Ge be co bheir gu MRS. A. J. MOXHAM, Drumbro, iad, bith e air a dheagh dhuaisneachadh. Fhuair sinn an diugh 500 Paidhir de bhrogan fhirionnach Dong. Bals. Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1.25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1.40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar. Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn. Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta. H. H. Sutherland & Co. Stor Airgeid na h-aon Phrise. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 6] [Vol. 9. No. 1. p. 6] Clann Raonaill. Thainig Clann Raonaill bho Raonall Domhnallach, mac Iain tighearna nan Eileanan. Anns a’ bhliadhna 1371 fhuair Raonall coir bho ’athair air Muideart, Arasaig, Morair, Cnoideart, Eige, Rum, Uidhist, agus aiteachan eile. Bha coig mic aige, Ailein, Iain Dall, Domhnall, Aonghus, Riabhach, agus Dughall. Tha cuid ag radh gu’m b ’e Domhnall bu ’shine na Ailein, ach faodar a bhith coma an diugh co am fear diu bu shine. Anns a bhliadhna 1428 bha Ailein mac Raonuill ann an seilbh air Muideart, Arasig, Eige, agus air Uidhist a chinn a deas Bha da mhac aige. Ruairidh agus Ailein Chnoideirt. Bha Ruairidh na thriath air Muideart ’sa bhliadhna 1430. Phos e nighean Dhomhnaill Bhallaich, agus bha da mhac aige rithe, Ailein agus Eachann. Fhuair Eachann fearann anns a Mhorairn. Dh’ eug Ruairidh mac Ailein mu’n bhliadhna 1470. Bha Ailein a Mhac, Ailein Mac Ruairidh, na dhuine foghainteach is na chreachadair ainmeil. Phos e an toiseach, Anna, nighean Dhomhnaill mhic Iain, triath Ardnamurchan, agus bha da mhac aige rithe, Ronall Bàn, agus Alasdair. Phos e a rithist, Iseabal, nighean Mhic-Shimi, agus bha aon aige rithe, Raonall Gallda. Bha sia mhic eile aige, Ailein Riabhach, Iain Beag, Iain Bronnach, Iain Molach, agus Seumas. B’ e Raonall Gallda am fear a b’ oige de a mhic. Chaochail Ailein mu’n bhliadhna 1501. B’e Ailein a cheud Mhac-Mhic-Ailein. Phos Raonall Bàn nighean Mhic-Leoid Leoghais, agus bha mac aige do ’m b’ ainm Dughall. Dh’ eug Raonall Bàn mu’n bhliadhna 1508. Chaidh Dughall a mhac a mhort ’sa bhliadhna 1520. Dh’ fhag e da mhac, Ailein mor agus Lachainn. Fhuair Ailein coir air Morair ’sa bhliadhna 1538. ’Se Mac Dhughaill Mhorair a theirteadh ris. An deidh bas Dhughaill ghabh Clann Raonaill Alasdair, darna mac Ailein Mhic Ruairidh, mar an Caiptin, no ’n ceann feadhna. Bha ceithir mic aig Alasdair ri Diarbhail, Iain Muideartach, Aonghus, Ruairidh Ruadh agus Domhnall; bha tri mic aige ri nighinn Thormaid Mhic Gillephadraig, Iain Ard, Ailein Odhar, agus Ruairidh, agus bha aon mhac aige, Alasdair, ri a mhnaoi, nighean Fhearchar Mhic-an-Tòisich, triath Chlann-an-Toisich. Chaochail Alasdair mu’n bhliadhna 1529. Rugadh Iain Muideartach uair-eiginn roimh ’n bhliadhna 1500. Rinneadh mac dligheachd dheth le litrichean o’n righ ’sa bhliadhna 1532, agus thugadh dha còir air Muideart, Arasaig agus aiteachan eile. Ged is e ceann-feadhna a theirteadh ris b’e an nis da rireadh ceann-taighe Chloinn-Raonaill. Nuair a bhiodh mac diolain air a dheanamh dligheach le lagh na rioghachd dh’ fhaodadh e a bhith air a ghabhail mar cheann-taighe no mar cheann-cinnidh. Bha Iain Muideartach na duine aig an robh buadhan laidir inntinn agus na fhear-cogaidh teoma. Chuireadh Blàr Leine ’sa bhliadhna 1544. Bha mu shia ciad duine aig Iain Muideartach agus mu cheithir chiad aig Mac Shimi. Chaidh an latha le Iain Muideartach; ach dhearbh na Frisealaich nach robh saighdearan an Albainn a b’ fhearr na iad; bha e na chliu dhaibh mar a sheas iad is mar a chathaich iad. ’Se Blar-nan-Leine, no Blar-nan-Leintean, a their cuid ris a bhlar. Is math a bha fios aig Mac Mhuirich, seanachaidh Chlann Raonaill, air ainm a bhlair, agus is e “Blar Leine” a tha e ag radh ris. Bha am blar air ainmeachadh an deidh na laraich air an deachaidh a chur. Chaidh Raonall Gallda a leon gu goirt am Blàr Leine. Fhuair e am bas an ceann beagan uairean an deidh a bhlair, ach tha e air a radh nach b’e na leoin a fhuair e a b’ aobhar d’a bhas, ach lamh mortair. Dh’ fhag e triuir mhac na dheidh, Ailein, Iain agus Alastair. Rinneadh mic dhligheach de’n triuir le litrichean an righ ’sa bhliadhna 1555. Phos Iain Muideartach nighean Mhic Iain Ardnamurchan, agus bha mac aige leatha do ’m b’ ainm Ailein. Bha triuir mhac aige ri nighinn tighearna Chnoideirt, Iain Og, Domhull Gorm is Ruairidh Og. Bha ceithrear mhac aige ri nighinn Neill mhic Thearlaich, Ruairidh Dubh, Raonall, Iain Dubh, agus Aonghus. Chaochail e ’sa bhliadhna 1584. Bha fearainn aig Ailein Mor mac Dhughaill, tighearna Mhorair, an Arasaig, an Eige, is am Beinn-a-Bhaoghla. Bha da mhac aige, Alasdair is Raonall. Anns a’ bhliadhna 1611 fhuair Alasdair coir bho’n chrun air Morair ’s gach aite eile a bhuineadh d’a athair. Thug e fearann ann an Eige do Raonall a bhrathair. B’e Ailein mor, mac Alasdair, tighearna Mhorair ’sa bhliadhna 1646. Bha tri mic aige, Ailein og, Iain, agus Alasdair. Bha da mhac aig Ailein og, Iain agus Alasdair. Chaochail Ailein roimh ’athair. B’e Alasdair tighearna Mhorair ri am Choille-chnagaidh. Fhuair Ailein Ruadh mac Alasdair, coir air Morair ’sa bhliadhna 1726. Phos e Mairsaili, nighean Shir Eoghan Lochiall, agus bha coig mic aige. Chaidh e gu h-amaideach ann am fiachan, agus b’ fheudar dha dealachadh ri roinn mhoir de ’chuid fearainn. Phos Iain, mac agus oighre Ailein Ruadh, nighean Raonaill Chinn-Loch-muideart. Thug e a suas an oighreaehd do Shim a mhac ’sa bhliadhna 1784. Bha Sim na mhaidsear anns an arm. Chaochail Sim ’sa bhliadhna 1800. Dh’ fhag e da mhac, Seumas agus Sim og. Dh’ eug Iain Mhòrair, seanair Sheumais agus Shim oig, ’sa bhliadhna 1809. Dh’ eug Seumas an 1811. Chaidh Sim Og a mhrrbhadh an 1812. “Mo chreach leir Clann Mhic-Dhughaill, ’S iad mar choill air a rusgadh; Co ’nis ’sheasas an cùis an am gàbhaidh?” A. M. S. $400. air a thoirt do luchd ceannach Union Blend Tea; iuchair agus cairt ag innse nan cumhachdan air am faighear e anns gach pasg puinnd, $10,000.00. Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le Matheson, Townsend & Co., Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa. Anabarrach Saor! BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $7,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent Sidni Tuath. Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. [TD 7] [Vol. 9. No. 1. p. 7] ORAN. LE FEARCHAIR MAC-RATH. Cha ’n e direadh a bhruthaich Dh’ fhàg mo shiubhal gun treoir; Cha ’n e direadh &c. No teas mor ri la greine, Nuair a dh’ éireadh i oirnn. Laigh an sneachd so air m’ fheusaig, Is cha léir dhomh mo bhròg. ’S gann ’s léir dhomh na ’s fhaisge, Ceann a bhata ’tha ’m dhòrn. ’Se mo thaigh-sa na creagan, ’Se mo dhaingean gach fròg. ’Se mo thubhailt mo bhreacan, ’Se na leacan mo bhòrd. ’Se mo bhuideal gach lodan, ’Se mo chopan mo bhròg. ’S tric air mhucagan fàsaich Re an la mi mar lòn. ’S tric air smeuran nan dris mi, ’S tric mi brisdeadh nan cnò. ’S tric mi acrach is sàraicht’ ’S tric mi fàsgadh nan dòrn. Ged a cheannaichinn am buideal Cha dig cuideaehd ga ’òl. Ged a dh’ fhadainn an teine, Chi fear foille dheth ceo. ’Si do nighean-sa, ’Dhonnachaidh, ’Chuir an iomagain so oirnn. Té d’ a bheil an cùl dualach Bho a gualainn gu bròig. Té d ’a bheil an cùl bachlach, Is a dhreach mar an t-òr. ’Dheoin ar Dé cha bhi gillean Riut a mire ’s mi beo. ’S mor gu ’m b’ fhearr dhuit mi agad Na mac breabadair clòth. Ged nach deanainn dhuit fighe Chumainn sithionn mu d’ bhòrd. ’S truagh nach robh mi ’s tu, ghaolach, Anns an aonach ’m bi ’n ceo. Ann am bùthaig bhig, bharraich. ’S gun bhi mar-ruim ach t’ fheoil, Agus pàisdean beag leinibh, Neach a cheileadh ar glòir. ’S mi gu’n snàmhadh an caolas Air son faoilteachd do bheoil, Nuair a thigeadh am foghar B’ e mo rogainn bhith falbh, Leis a ghunna nach diultadh, ’S leis an fhùdar dhùbh-ghorm. Nuair a gheibhinn cead frithe Bho an righ ’s bho ’n iarl’ òg, Gu ’m biodh fuil an daimh chabraich ’Ruith le altaibh mo dhòrn, Agus fuil a bhruice bhioraich A sior shileadh feadh feoir. Fàth mo mhulaid mar thachair, B’ e sud lasan mo leoin. Bhuineadh Fearchair Mac-Rath, Fearchair Mac Iain Oig, do Chinntail. Thug maor-fuinn Mhic-Coinnich bò agus coire copair air falbh bhuaithe. Bha bean Fhearchair—“Nighean Dhonnachaidh”—a gearan air droch obair a mhaoir. Chaidh Fearchair na ’dhéidh, agus loisg e air ’s mharbh e e. B’ fheudar do dh-Fhearchair an sin teicheadh. IAIN LOM AGUS MUIREACHAN Bha Iain Lom uair air thuras ’san Tòiseachd. Chaidh e a staigh do thaigh ’san robh e dol a dh-fhuireach ri a dhinneir. Bha balach ’san taigh do ’m b’ ainm Muireachan. Cha robh tlachd aig a ghille so ann an Iain Lom, agas cha robh e ag iarraidh gu’m fanadh e ri ’dhinneir. Dh’ iarr Iain Lom air dol am mach a shealltainn air na b-eich aige. Nuair a thainig e a staigh dh’ fhaighneachd am bard dheth am fac e na h-eich. Fhreagair Muireachan e mar so; Chunnaic mi ’n t-each bàn ’S a cheann ’san fhodar, ’S chunnaic mi ’n t each dona Air ’n do tholl am bod-chrann. Thubhairt Iain Lom,—A Mhuireachain, a Mhuireachain, ’s ann a gheibhteadh do dhan gu h-ullamh nuair a bhiodh do mhathair a fuineadh nam bonnach. Fhreagair Muireachan e,— Iain Luim mhic Dhòmhnaill mhic Iain, ’S mor do dhiol bidhe is cadail; Dh’ itheadh tu uibhir ri dithisd Leis an amhaich fhior fhada. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Fiar, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. ’GAN CREIC SAOR. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B. ALBERT HARTY, Greusaiche, Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail. Ri taobh stor D. L. MacFhionghain, SIDNI - - C. B. [TD 8] [Vol. 9. No. 1. p. 8] ORAN MAGAIDH AIR CREACHADAIREAN ARAIDH. LE COINNEACH DUBH MAC-COINNICH. LUINNEAG. Faodaidh fear ’bhios fuar falamh Cruaidh, smearail, foinnidh, fearail, Fead a thoirt ’an cluais balaich, Mur a bi e réidh ris. Thoir fios gu taobh thall nan garbh-chrioch, On ’s ni e ’chordas ri ’m meanmainn, Gu ’n d’ thòisich taobh tuath na h-Alba Ri marbhadh a cheile. Fios gu Eoghann, fios gu Ailein, ’S fios gu Domhnall bàn na caillich,— Ciod an truaighe ’chum aig bail’ iad ’S a ghealach air eirigh? Clann-a-Phi agus Clann-Ualraig, Ciod an t-aon ni a chum uainn iad, ’S mi-fhin ’s clann-Liodair nan cuaran An guail’ibh a cheile? Tha Maolanaich ann an Arcaig, ’S bu mhath gu slaodadh nan creach iad, ’S fhad ’s a mhaireas ni aig Cataich, Cha bhith ac’ ach leum air. ’S ann mu dha thaobh Baile-Domha Tha na fir nach faoin ri clomhadh, ’S bheir iad aomadh air na Rothaich Fhad ’s a gheibhear spreidh ac’. Nan gabhadh na cruachan iomain Mar ghabhadh crodh Cille-Chuimein, Bheireadh sinn air bodaich Mhoraidh Gu ’m biodh dolaidh béidh orr. Gu ’n d’ mharbhadh bean uasul thapaidh Ann an tuasaid o chionn seachdain, ’S faodaidh sibhse crodh is capaill Thoirt dachaidh na ’h-eirig. Tha crodh is eich air an leathad Aig bodaich nach dean an gleidheadh, ’S mur b’ e dhomhsa ’bhith am laighe Dheanainn rathad réidh dhaibh. Tha ’n t-oran air a dheanamh mar gu ’m b’ ann le fear de na creachadairean. ORAN COMUINN. Thug mi cean—gu de ’m fàth?— Hó ró hùg hó. Do Mhac-Raibeart na cèaird, Hó hì ri ri hoiriunn Hó ró hùg hó. Do Mhac-Raibeart na cèaird’, Cha b’ è ’n cèard a ni ’n spàin, Ach am fear a ni ’n t-arm Leis an cinneadh an t-sealg; Bian dubh is bian dearg, ’S boc biorach nan earb. Thug mi cean—cuim an ceilinn? Do Mhac-Bhràigh’ a tìr eile. Bu tu nàmhaid na h-eilid, ’S an ròin ri cois eirthir. C’ àit an robh e fo ’n chruinne Gin cho bòidheach ’s cho cuimir Ri Pàdruig Mac-Cruimein? Beul fìnealt nan cuireid Le piob mhòir air taobh muineil. Mac-Raibeart, Robertson. Mac-Bhràighe, Mac-Gillivray. DAN GAOIL. LE DOMHNALL FRISEAL, AIR DHA DA NIGHINN OIG FHAICINN AM BRUADAR. Am chadal air tulaich àluinn Aig taobh tràghad ri la luain, Chunnacas nighean chruthail, ghasda, ’N earradh de ’n t-siol dhathte uam. Dh’ fhiosraich mis’ am briathraibh tlàtha De ghéig àillidh nan rosg mall, C’ar-son a bha i na h-aonar Ann am fàsach faoin nan gleann. Fhreagair ise mi gu cùirteil Ann am briathraibh ciuine binn’, Tha ribhinn eil’ ann am fhochair, ’S cha d’ fhuair aon fhear tochradh leinn ’S mise Seonaid o Thòrr-sianta Nighean Eachainn nan cruach òir, ’S ise Fionnaghal o Dhùn-blàbheinn, Dun nan righ ’s am b’ àrd guth ceoil. Dealbh na dithis a bha ’m làthair Cha d’ chuir nadar roimh o thùs; Do dh’ fhàg dealradh an cruth’ soluis Greis gun sealladh mo dha shùil. Bàn an deud mar shneachd nan stùcan, Gorm an sùil, ro dhearg an gruaidh; Fiamh an òir de ’n cuailein cas-bhuidh’, ’Bhuin mo chridh’ fo ghlais daibh uam. Aghaidh fhinealta làn maise, Dh’ fhògradh airsneal uainn na ’deann; Suilean ciuine, caoimhneil, gàireach ’Thàirneadh gradh gach duin ar leam. Geal mar fhaoilinn air bhàrr tuinne Bha an uchd ’s am muineal réidh. Glacan bàna, meoir a ’s grinne, Is troigh chuimir a ’s clis ceum. MARBHRANN DO SHIR SEUMAS MOR MAC-DHOMHNAILL, TRIATH SHLEITE, A CHAOCHAIL ’SA BHLIADHNA 1678. LE GILLEASBUIG DUBH MAC MHIC-DHOMHNAILL. An nollaig air ’m bu ghreadhnach sinn Ormsa rug an dith ’s an call; Tha m’ iulchairt ’s na clàir fo dhion, Ceann-sithe fir Innse-Gall. Gun fàth toireachd air an ti ’Chaidh dhinn am feasda nan tràth, An gorm thulaich eadar dha thir Tha pailte gun chrine ’n tàmh. ’S mor mo smuainte, ’chach cha leir, Leam fhein ’s mi ’gabhail mu thàmh; Dhe ’n t-saoghal so ’s beag mo speis, Thigeadh an t-eug ’n uair a ’s aill. Cha ’n iarrainn latha gu bràth De leasachadh thrath theachd orm, Nam b’ e ’s gu ’n deonaicheadh Dia Mi dhul gu dian air do lorg. Cha ’n iarrainn tuilleadh dhe ’n t-saogh’l, Laighinn ri daolaibh na fòid; Ann an leaba chumhaing, chaoil, Sinte ri taobh do chuid bord. Chaidh mi iomrall air an aois, Am muinghin an namhad tha mi; ’S beag mo dochas a bhi ard, ’S tu ’n claraibh druidte ga m’ dhith. Ormsa rug an t-ànnrath cuain, Chaidh mo riaghailt bhuam air chall; Mo sgeul duilich ’s mo chàs cruaidh, ’S ni buan gun bhuinnig ’tha ann. Dhiomsa thog an t-eug a’ chìs; ’S leir dhuit, a Righ, mar a tha; Ormsa rug gàir thonn nan sian, Gun sith ach doruinn gu bas. Cha robh stiuir, no seol, no slat, No ball beairt’ a bha ri crann Nach do thruis an aon uair bhuainn, Mo thruaighe sa ’n fhras a bh’ ann. Taigh mor a thathaicheadh na sloigh, Gun ol, gun aighear, gun mhiagh, Gun chuirm ’ga caitheamh air bord,— Mo dhòlas, ’Athair nan sian! Gun chaismeachd, gun chomh-stri theud, Gun dàn ga leughadh air clar; Gun failidh ri cur an ceill Euchd do chinnidh-sa gu brath. Gun treun-fhir ri dol an ordagh, Gun taileasg, gun chorn, gun chuach; Mo bheud dhuilich ’s mo chreach mhor; Fo ’n fhoid a thuinich an duais. Gun eirigh moch thun nan stùc, Gun chu ga ghlacadh am laimh, Gun mheanmna ri claistìnn ciuil, Gun mhùirn, gun mhacnus ri mnaoi. Gun oigridh ri siubhal shliabh, Gun mhiagh air iarraidh an ròin, Gun mhialchoin a’ teannadh iall, Is sàmhach an nochd fiadh an stòir. S iomadh beinn is glenn is cnoc, Ceann òbain, loch, agus traigh A shiubhail mise leat fo mhuirn. ’S luchd-ciul ri aighear gun phràmh. Iul-chairt, a mariner’s chart. Ceann-sithe, a pacifier, a peace-maker. Riaghailt, in 7th verse, a mariner’s compass. Bu bhràthair Gilleasbuig Dubh, no an Ciaran Mabach, do Shir Seumas. RANN LE DOMHNALL GRUAMACH. Bha Domhnall Gruamach agus Iain Lom gu searbh an aghaidh a cheile. Labhair Domhnall Gruamach mar so mu Iain Lom: Thugadh greis air Greumaich leat Gu ’n euchdan a chuir suas; Is thugadh greis air Duibhnich leat, ’S air muinntir an taoibh tuath, Cha ’n fheil feum do Dhòmhnallach Ri bheo bhi ort a luaidh;— ’S e donnal a choin bhadhail ud ’Dh’ fhàg bodhar mo dha chluais. LEMEN BROTHERS’ WORLD’S MONSTER SHOWS. 3 RING CIRCUS, 5 CONTINENT MENAGERIE, TRAINED ANIMAL EXHIBITION, REAL ROMAN HIPPODROME, FREE HORSE FAIR. SURELY COMING AND POSITIVELY EXHIBIT —AT— SYDNEY, on SATURDAY, JULY 14. [Dealbh] THE MIGHTY BOVALAPUS, The rarest, strangest, awfullest of all the mighty monsters of the great deep. RAJAH, The biggest brute on earth, a towering giant. The very lord of beasts. Taller, longer, weighs more, cost more than any elephant ever captured. Bigger than the famous Jumbo. CAPT. SANTIAGO, HIGH DIVER, The world’s highest diver; actually flings himself backward from the highest point ever dived from. LITTLE EDNA, The girl wonder. The only lady turning forward and backward somersaults on a bareback horse. A challenge of $10,000 to any one who can produce her equal. RACING STEERS—A GREAT NOVELTY. 100 EXALTED CIRCUS CHAMPIONS IN 150 SUPREME ACTS. Completest, Largest, Greatest WORLD’S MENAGERIES. KITTIE KRUGER, The only lady 4- and 6- horse rider in the world. Whole droves and herds of Animals, Giant Camel, Long Maned and Tailed Horse. Baby Hipopotamus, Baby Lions, Serpents and Birds. A Grand Free Street Parade Every Entry Day at 10 o’clock A. M. High Dive, 10.30 a. m. and 6.30 p. m. EXCURSIONS ON ALL RAILROADS. ALL TENTS WATERPROOF. Doors open at 1 and 7 P. M. Performances at 2 and 8 P. M. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TAALA. J. D. W. CAIMBEUL. FEAR DEILBH THAIGHEAN. OIFIS:—ROSS BLOCK, P. O. BOX 41. SIDNI, - - - - C. B. A lion beagan a’s beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan. Is iomadh mir a thug thu do ’n bheul a mhol thu. [TD 9] [Vol. 9. No. 2. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 13, 1900. No. 2 A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. II. MAIRI ’AN CAISTEAL AN IARLA. Ann am maduinn bhòidheach ’an toiseach a’ Mhàigh, bhuain Màiri beagan de shlaitean seilich agus calltuinn ’an coille faisg air laimh; bhitheadh a h-athair ’deanamh bhascaidean beag orra, ’n uair nach b’ urrainn da obair a dheanam ’s a ghàradh. Anns a’ choille dh’ amais ciad fhlùrs an t-samhraidh, na gealagan-làir (snowdrops) rithe. Bhuain i pàirt diubh agus rinn i da phasgan diubh, fear di fhéin agus fear d’a h-athair. ’Nuair a bha i ’gabhail gu aotrom an ceum-coise tro’n àilean uaine, dealtrach ioma flùran maiseach, a dh’ ionnsaidh an tighe, choinnich i Ban-iarla Ichburg agus a h-ighean Amelia, a bha mar bu trice ’fuireach ’s a cheann-bhaile, ach a thàinig, aig an am so, a chur seachad beagan laithean ’an Caisteal Ichburg. Cho luath ’sa mhothaich Màiri do na mnathan-uaisle a bh’ air an comhdach ’an trusgan geal agus a’ guilain sgàileagain uaine, tharruinn i gu thaobh gus an leigeil seachad, agus sheas i gu modhail aig oir an rathaid. “O, thoir dòmhsa na gealagain sin,” ars’ an té og, aig an robh barrachd ghaoil air an t-seòrsa fhlùrs so na bh’ aic air cach uile. Thairg Màiri anns a’ mhionaid, do ’n da mhnaoi-usail, pasgan fhlùrs an té. Ghabh iad bhuaip’ iad le toilinntinn, agus thug an t-seann té a mach sporan breagha lan de dh’ or, gu duais a thoirt do Mhàiri. Ach arsa Màiri, “Cha ghabh mi paigheadh idir bho ur mòrachd. Is beag an toileachadh do nighinn bhochd an urad so a dheanamh airson a ban-mhaighstirean urramach bho’n d’ fhuair i moran, gun a chuir mar fhiachaibh oirre paigheadh a ghabhail bhuapa.” Thaing fiamh gàire air a Bhan-iarla agus thuirt i, “Bheir Màiri flùrs Mhaigh gu tric gu Amelia.” Rinn Màiri sin a h-uile maduinn; agus fhad ’s a ghabhadh a h-aon diubh faighinn, chaidh Mairi leotha h-uile lathad o’n Chaisteal. Bha i còrdadh ri Amelia na b’ fhearr gach latha ’na tuigse mhath nàdurra, na cridhe mireagach éibhinn, agus na deas-ghna mhalda agus neo-fhoilleil. Bha aig Màiri ri mòran uairean a chuir seachad fhathasd ’an cuideachd Amelia fad an deigh do na flùrs Mhàigh teirigsin. Thug a Bhan-iarl’ òg gu tric sanas seachad gu ’m bu mhath leatha Màiri a bhi daonan comhla rithe, agus bha i smaointeachadh a gabhail a stigh ’na ’seirbheis. Bha latha-breith Amelia a nis a tighinn dlù, agus bha Màiri a’ meorachadh ciod an tabhartas bu fhreagarraiche dh’ ise a thoirt seachad. Thug i gu tric pasgan de bhlàth-luibhean dhi. Chuimhnich i, co dhiu, air tabhartas eile. Ré a gheamhraidh s’a chaidh, rinn a h-athair beagan de bhascaidean ’bha air leith boidheach airson seòmair mnaoi-uasail. Thug e ’n té bu bhoidhche dhiubh do Mhàiri. Fhuair e an sampuill as a bhaile-mhòr, agus chaidh an obair leis ro-mhath. Chuir Màiri roimpe gu lionadh i a bhascaid bheag so le flùrs agus gu’n tugadh i do dh’ Amelia i mar thabhartas air lath, a breith. Dh’ aontaich a h-athair gu toileach da ’h-iarratas. Chuartaich e a’ bhascaid bheag gu bòidheach le ceud litirichean an ainm aig Amelia, agus le suaicheantas an teaghlaich, obair a rinn e gu grinn seòlta. Air maduinn latha breith na Ban-iarl’ òg bhuain Màiri na ròsan a b’ ùraile, na lusan-samhradh bu ghile, bu deirge, ’s bu ghuirme, lus donn a bhalla, agus flùrain bhuidhe, uaine, ’s gach seòrsa dath eile; thruis i, cuideachd, fàillean bhoidheacha air an còmhdach le duilleach gorm, agus chuir i gach seòrs’ ann an òrdugh cho freagarrach ’s gu’n robh gach flùran ’g a shealltuinn fhein ’na ’uile mhaise. Chòmhdaich i taobhnan na bascaid le fleasgan àluinn de chòinnich uaine agus gucagan ròs; ach ainm Amelia chuartaich i le fleasg beag de forget-me-nots. Bha eadar-dhealachadh mòr ri fhaicinn—slatan fìnealta, geal na bascaid air an cuartachadh le flùrain ghorm, ’us dhearg, ’us uaine. Bha a’ bhascaid fhlùrs uile, gun teagamh, ’na sealladh ro-thlachdmhor. Mhol, eadhon, a h-athair suidhichte, obair Màiri, agus ’nuair a bha Mairi dol ga togail air falbh thuirt e, “Fag i tiota beag fhathasd, fiach an rannsaich mi i ni’s momha.” Ghiulain Màiri a’ bhascaid do ’n Chaisteal, agus thug i do dh’ Amelia i, aig an am cheudna, a guidhe gach toilinntinn di le ’h-uile chridhe. Bha Bhan-iarl’ og ’na suidhe ’s an am aig a bhord-sgeudachadh. Bha té de na maighdeanan frithealaidh ’na seasamh air a culthaobh a’ cur air doigh a fuilt airson na cuirme. Cha ghabh e innse an toileachadh thug an tabhartas aig Mairi do dh’ Amelia, agus cha b’ urrainn di briathran math gu leoir a chur an ceill airson na flùrs bhoidheach agus a’ bhascaid bheag, sgiobalt a mholadh. “Mo leanabh gaolach,” thuirt i, “spuinn thu do ghàradh uile airson a leithid so de ghibht eireachdail a thoirt domhsa! Agus tha obair t-athair cho fìnealta ’s cho seòlta; cha’n fhaca mi sian riabh na ’s maisiche. Thig comhla riumsa, direach go m’ mhathair.” Leis na facail so dh’ eirich i ’na seasamh, ghlac i Màiri air laimh, agus threòraich i suas i an staìdhir gu ruige seomar a mathar. ’Nuair a rainig i an dorus, dh’ eibh i, “seallaibh so, a mhàthair, seallaibh an tiodhlac thug Màiri ’g am ionnsuidh! bascaid ’us flùrs na ’s boidhche na so, cha ’n fhacas riamh.” Chòrd a bhascaid ris a Bhan-Iarla glé mhath. Ars ise, “Bu toigh leam, da rìreamh, a dealbh fhaighinn air a tharruinn. Tha bhascaid bheag sin, air am beil driùchd na maidne fhathasd a soillseachadh, a’ deanamh dealbh cho taitneach ’sa tharruinn dealbhadair riamh. Tha e ’na onair mhoir do sheoltachd Mairi, agus ’na onair ni ’s momha uile d’a ’cridhe maith.” “Stad ’an so mionaid, a chaileag ghradhach,” thuirt i ri Màiri, agus smèid i air Amelia a leanailt do ’n ath rùm. “Cha leig sinn Màiri air falbh gun duais,” thubhairt i ri ’h-ighinn, “de an gibht a’s fhèarr a shaoileas tu a’s urrainn sinn a thoirt di?” An déigh do dh’ Amelia a bhi smaointeachadh car tiota beag thubhairt i, “Cha chreid mi na ’n tugadh mise gùn dith, nach freagaradh e ro-mhath; ’s e sin, na faiceadh sibhse, a mhàthair, a leithid coltach, bheireadhmaid dhi an gùn anns am beil am flùradh geal is dearg air a’ ghrunnd uainne. Tha e cho math ’s a bha e ùr; cha do chosg mis’ e ach da thuras. Ach dh’ fhàs mi nise ro-mhor air a shon. Dheanadh e earradh breagha do Mhàiri, air laithean fèille. Cha ’n ’eil strith dhi fhéin atharrachadh los gum freagair e i, tha i seòlta gu leoir go sin a dheanamh. Ma tha sibhse ’ga fhaicinn coltach, bheir mise dhith e.” “Dean,” ars a’ Bhan-Iarla, “’nuair a bhios toil aig duine gibht a thoirt seachad, is coir gu ’n bi féum anns an tabhartas. An gùn uaine a th’ air a fhluradh, freagaraidh e taghte math air a ghàradair bheag.” ’Nuair a thill a Bhan-Iarla, comhla ri Amelia, a dh’ ionnsuidh an rùm anns an robh Màiri, thubhairt i, “bithibh a falbd a nise, a chlann math, agus bheiraibh an aire do na flùrs, ’s na leigaibh leotha meath ro àm na dinnearach. Tha moran aoidhean againn an diugh, ’s i ’bhascaid ball-maise a’s momha ’bhitheas air a’ bhròd, agus ’s i ’bhitheas againn an aite Epergne (aite cumail soitheach bidhe). Tha mi ’fagail aig Amelia taing a thoirt duit, a Mhàiri a’ ghràidh.” Thill Amelia comhla ri Màiri gu rùm fhéin, agus dh’ iarr i air a mhaighdinn a bha frithealadh oirre an gùn a thoirt d’a h-ionnsaidh. Sheas Ceit—oir b’e sin ainm na h-ighinne—a’ spleuchdadh le ioghnadh, agus thubhairt i: “Cha ’n ’eil ur baintighearnas ’dol a chuir suas a ghùin sin an diugh, cha ’n fhaod e bhith?” “Cha’n eil” fhreagair Amelia, “tha duil agam a thoirt do Mhàiri.” “An gùn ud,” ghlaodh Ceit gu cas, “am beil fios aig ur màthair air a sin?” “Thoir thusa an gùn ’gam ionnsuidh-sa,” ars Amelia gu suidhichte, “agus leig leamsa a bhi smaointeachadh air a chorr.” Thionndaidh Ceit gu clis mu ’n cuairt gus a fearg fhalach, agus dh’fhalbh i, a sin, a dh’ iarraidh a’ ghùin. Bha a gnuis air lasachadh suas ’an corruich. Le feirg thug i an gùn a mach as an t-seomair-aodaich. “Tha mi ’smaointeachadh a shracadh ’na chriomagan beaga,” thuirt i le dranndan rithe fhéin. “Nighean bheag mhosach a’ gharaidh! Chuir i mise le foill as m’ aite fhìn, ann an cridhe mo bhana-mhaighstir, agus a nise feumaidh i an gùn so a ghoid bhuam; chionn is buin an t-aodach a chuireas a bhan-mhaighstir air chùl, le ceartas, do ’n mhaighdinn-fhrithealaidh. Ise ’chuir suas gu dearbh le gùintean uaine! Dhuirigean na suilean a spionadh ’à té reic nam flùrs.” Shluig Ceit a fearg cho math ’sa b’ urrainn di, tharruinn i fiamh gàire oirre fhéin ’dol a stigh do ’n rùm, agus thug i an gùn do dh’ Amelia. Thubhairt Amelia, “A Mhàiri, ’gharidh, fhuair mise mòran thabhartasan an diugh bu bheartaich na do bhascaid-sa, ach cha d’fhuair mi ’h-aon bu docha leam. Cha’n ’eil na flùrs a th’ air a ghùn, gun teagamh, cho boidheach ri t-fheadhainn-sa, ach tha mi ’smaointeachadh, air mo shon fhìn, nach cuir thu suarach iad. Caith an gùn mar chuimhneachan ormsa, agus cuir faillt air t-athair air mo shon-sa.’ [TD 10] [Vol. 9. No. 2. p. 2] Thog Màire leatha an gùn, phòg i lamh na Ban-Iarl’ òg, agus dh’ fhalbh i a mach as an t-seòmair. Shuidh Ceit sios ri ’h-obair ann an samhachair ghnù, i ’goil le feirg, aimheal agus eud falaichte. Ag uidheamachaidh fallt Amelia, cha robh é furasda dhith a chleith cho mor ’s a bha i far a doighe. “Am beil an fhearg ort, a Cheit?” thuirt Amelia rithe, gu fòil. “Cha bhithidh sin ach mi-chiatach, agus sìbh fhéin cho math,” fhreagair Ceit. “Tha sin air a dheagh ghràthainn,” thuirt Amelia. “Tha mi ’n dòchas gu’r ann bho ’n chridhe thainig na briathran sin.” Thill Màiri dhachaidh leis a’ ghun eireachdail, ’s i làn de shòlas ach ’cha robh a h-athair, an duine glic, cho lan thoilichte sin, as an tabhartas. Chrath e ’cheann glas, agus thubhairt e, “B’ fhearr leam nach d’ thug thu ’bhascaid idir do’n chaisteal. Tha mi gun teagamh a meas a’ ghùin ’na ghibht fiachail bho ar maighstirean urramach; ach tha eagal orm gu’m faodadh e feadhainn eile a dheanamh farmadach ruinn, agus ni ’s miosa na sin, gu’m faodadh e thu fhéin fhagail proiseal. Béusachd ’us deagh ghiulain gu fada is boidhche a sgeudaicheas maighdean òg na ’n t-aodach a’s breagha ’s a’s cosgaile. (Ri leantuinn.) DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XXIV. An ceann beagan làithean sheòl Domhull is Callum air an luing comhladh ris an t-seann sgiobair; agus o nach do thachair cunnart no gàbhadh riutha air an turus gu ruige Breatunn fàgaidh sinn iad air bòrd na luinge, agus bheir sinn gearr-iomradh air pàirt dhe na bha càirdean agus luchd-eòlais Dhomhuill ag radh m’a thimchiol. Tha daoine gu tric glé bhuailteach air droch sheadh a chur air iomadh ni, gu sonraichte air nithean mu nach ’eil a’ bheag a dh’ fhiosrachadh aca. Thachair so a thaobh Dhomhuill. Cha robh facal a’ tighinn uaithe; agus am feadh ’sa bha ’mhàthair fo eagal gu’n deachaidh a chall, bha gu leòr eile ag radh, gu’n robh iad cinnteach nach deachaidh a bhàthadh co dhiubh. Theireadh iad, “Am fear dh’ an dual a’ chroich cha bhàthar a chaoidh e.” A chionn gu ’n do theich e as a thaigh cosnaidh, chaidh droch ainm dheth. Agus bha choire so gu léir aig a’ bhana-mhaighstir a bha cho cruaidh air, agus cho coimheach ris, mu’n d’ fhalbh e. An uair a fhuaradh fios gu’n robh an long air an robh e sabhailte, bha gach duine ag radh gur ann coma dhe mhàthair ’s dhe pheathraichean a bha e. Theireadh am beagan a bha air a thaobh nach robh e ach òg, agus gu’n robh ùine gu leòr aige gu fàs glic, curamach. Bha gach duine do ’m b’ aithne e a’ toirt breith air a reir mar a bha staid an inntinn d’ a thaobh. Bha na fìor chàirdean a’ feuchainn ri falach a chur air a lochdan, agus bha’ gach aon a bha suarach m’ a dheidhinn a’ gabhail tlachd ann a bhith comharrachadh am mach gach lochd a bh’ ann. So mar a tha gu tric a’ tachairt a dh’ ionnsuidh an latha ’n diugh. Thainig a h-uile fathuun a bha am measg dhaoine mu thimchioll gu clusan a mhàthar. Cha leigeadh a cridhe leatha aon fhacal tuaileasach a chreidsind m’ a dheidhinn. Mar bu trice, cha’n abradh i am math no’n t-olc mu na chluinneadh i daoine ag radh mu Dhomhull. An corr uair a theireadh i facal m’ a dheidhinn, is e “Domhull dona, Domhull dona,” na theireanh i. Cha chreideadh i gu’n deanadh Domhull ni suarach, mi-chliùiteach sam bith gus am biodh e air a lan-dhearbhadh dhi. Am feadh ’s a bha na nithean so a’ dol air aghart ann an dùthaich a bhreith is àraich, bha Domhull, mar a dh’ aithriseadh mar tha, ag obair cho cruaidh ’s cho dichiollach ri mac màthar a bha beo, a chum cuideachadh a dheanamh le ’mhàthair. Ged a rinn Domhull fortan aig buinig an òir, cha robh toil aige sgur a dh’ fhalbh na mara. O’n a bha fior nàdar an t-seòladair ann, cha robh obair fo’n ghréid a b’ fhearr leis na’n seòladh. Air an turus dhachaidh gu ruige Breatunn, bhiodh e fhein is Callum ’s an sgiobair a’ bruidhinn iomadh uair mu thimchioll ciod bu chòir dhaibh a dheanamh ris na bh’ aca dhe’n t-saoghal. Mu dheireadh shuidhich iad gu daingean ’nan inntinn gu’n tugadh iad fa near long mhòr a thogail eatorra ’nan triùir, agus gu’m biodh an seann sgiobair còir, cneasda, air an robh meas cho mòr aig Domhull ’s aig Callum, ’na sgiobair air an luing so fhad ’s a bhiodh e air chomas an obair a dheanamh. Ged a thug an long air an robh iad uine mhath air an rathad, rainig i Breatunn gu sàbhailte; agus o nach robh an sgiobair gus a bhith na b’ fhaide fo na seana mhaighistirean, dhealaich eriutha cho luath ’s a fhuair e an luchd a chur air tìr dhaibh. Gun dàil sam bith chaidh iad ’nan triùir far an robh fear-togail loingeas cho ainmeil ’s a bha anns an rìoghachd, agus thug iad ordugh dha long mhòr thrì chrann a dheanamh dhoibh gus a bhith seòladh eadar Breatunn agus na rioghachdan thall. Gheall an duine gu’m biodh i deiseil gus a dhol gu fairge ann an ceann naoi miosan. Ach o’n a bha toil aig an sgiobair gu’m biodh an long air a cur an altaibh a chéile gun mheang sam bith, chuir e roimhe gu’n cureadh e a’ chuid bu mhò dhe na naoi miosan seachad a’ gabhail deachd air a h-uile ni a bhiodh na saoir a’ deanamh. Cha da chuir e seachad ach beagan sheachdainean comhladh ri’ chàirdean, ged a bha e àireamh mhor bhliadhnachan gun am faicinn. O nach robh feum sam bith dhaibh fuireach ’nan triùir ag amharc thairis air luchd-togail na luinge, chaidh Domhull is Callum do ’n Ghaidhealtachd a dh’ amharc air an càirdean ’s air an luchd-dàimh. Cha robh mòran de càirdean aig Callum mu’n d’ fhalbh e as an àite ’san d’ rugadh e; oir cha robh ann ach dilleachdan bochd a chaill ’athair ’s a mhàthair an uair a bha e glé òg. Agus am fear a bhios bochd, cha bhi mor mheas air, mar is trice. Ach am fear aig am bi maoin bidh meas air. Bha meas gu leor air Callum an uair a fhuaradh am mach gu’n robh deannan math dhe’n òr aìge. Ach thuig e gle mhath gur e gaol an fhithich air a’ chnaimh a bh’ aig na càirdean air; agus ged thug e sìneadh laimhe nach robh gu h-olc do’n fheadhainn a b’ fheumaiche dhe ’chairdean, dh’ fhag e feadhainn falamh aig an robh dùil ri rud. Cha do chuir Domhull fios sam bith roimhe, ach ràinig e taigh a mhàthar fo na bonnaibh, o’n a bha toil aige am fior shuidheachadh anns an robh iad ’fhaicinn. Bha ’n oidhche air tuiteam an uair a ràainig e taigh a mhàthar. Bha beagan bhocsaichean aige anns an robh a chuid aodaich, agus nithean a thug e gu ’mhathair ’s gu beagan dhe ’chàirdean; agus ged a bha e’n dùil gu’n ruigeadh e an taigh ann an àm math, chum na bh’ aige de dh’ imrig mòran maille air. Bha ’mhàthair ’s a chlann a staigh, agus iad air ùr-thighinn dachaidh o’n obair-latha aig an robh iad. Bha teine briagha air a’ chagailte, gle choltach ris an teine a bh’ oirre an oidhche a theich e. Ghrad chuimhnich e air an oidhche ud; agus, ann am priobadh nan sùl, thàinig na chaidh e troimhe o’n a dh’ fhalbh e fa chomhair na h-inntinn aige. An uair a nochd e steach au dorus, thuirt e, “Tha sibh aig an teine.” Sheall iad uile air, agus ged a thug aon diubh freagairt dha, cha do smaoinich iad an toiseach gur e a bh’ ann. B’ e ’ghuth a dh’ aithnich iad an toiseach. Dh’ fhàs e ’na dhuine cho mòr ’s cho trom ’s cho eireachdail fad nam bliadhnachan a bha e air falbh ’s gur gann a dh’ aithnicheadh duine sam bith e. Thòisich a mhàthair ri caoineadh leis an toileachadh. Bha i cho toilichte an uair a chunnaic i e ’s ged bu leatha oighreachd fhearainn. Bha ’dhithis pheathraichcan ’s a bhrathair mu’n cuairt dha agus greim aca air amhaich air. Ged nach robh feum mor sam bith aig Domhull air bìadh, dh’ iarr e orra grad thoiseachadh ri biadh a dheasachadh dha; oir bha toil aige fios fhaotainn air an t-seòrsa bidh a bhiodh iad a’ gabhail. Cha robh éis bìdh no aodaich orra; oir bha iad gle dhìchiollach gu obair, agus glé mhath gus na choisneadh iad a chur gu feum iomchuidh. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth foghnaidh dhuinn a radh gu’n robh Domhull aig an taigh fad leith bhliadhna. O nach robh a mhàthair deònach falbh as an dùthaich, thug e fa near taigh bòidheach gun a bith mòr a thogail dhi. Bha ’dhithis pheathraichean, dlùth air a bhith cho mór ’s a bhitheadh iad: agus ged nach robh nigheanan òga cumanta na dùthchadh a’ faighinn a’ bheag de sgoil aig an àm ud, thug e orra tòiseachadh ri tuilleadh sgoile ionnsachadh. Thainig Callum Ros a dh’ amharc air Domhull beagan ùiue mu’ n d’ thainig an t-àm dha falbh. Ghabh Callum tlachd mòr dhe ’n phiuthair bu shinne a bh’ aig Domhull, agus chuir e roimhe gu’m posadh e i; rud a rinn e an ceann a dha no tri ’bhliadhnachan. Thug Domhull deiseachan riomhach dhachaidh gu ’mhàthair ’s gu pheathraichean; agus cha b’ i an deise a thug e gu ’bhrathair dad bu mhiosa. Thug e iomadh rud eile dhachaidh uca air nach ’eil cunntas againn. Thug e mar an ceudna dhachaidh aireamh nithean a bha e gus a thoirt do na càirdean bu dluthe dha mar ghean-matha. Rud a chuir ioghnadh air iomadh neach, thug e ni glé’ luachmhor do bhean Aonghais ’ic Callum—a’ bhana-mhaighstir a bha co cruaidh air ’s cho coimheach ris an uair a bha e buachailleachd nan laogh. Thuirt e gu trice, gu’m b’ i bu mhathair-aobhair air e dheanamh ’fhortain, ged nach b’ ann d’ a deòin. An uair a chunnaic na daoine a bhiodh cho tric ’ga ruith sios air chùl a chinn. cho math ’s a bha ’coltas, agus a chuala iad g’u robh na mìltean punnd Sasunnach aige, bha meas gu leòr aca air. An uair a bha ’n long deiseil, fhuaradh deadh sgiobadh dhi gun dàil. Bha ’n seann sgiobair gle mhoiteil aisde. Bu leis fhein an treas earrann dhi, agus bu le Domhull ’s le Callum an dà earrann eile. O nach robh Domhull is Callum fiosrach agus foghluimte gu leòr air son àite met a sheasamh, dh’ fhalbh iad air an luing gus an tuilleadh seòlaidh ionnsachadh, agus gus na b’ urrainn daibh de sgoil-mhara ionnsachadh o’n sgiobair. O’n a bha ainm math aig an sgiobair mar sheòladair, agus o’n a bha ’n long ùr, agus air a togail gu laidir, daingean, fhuair iad luchd de bhathar feudalach gus a thoirt do na rioghachdan thall. Shoirbhich leotha gu math air an turus ud, agus cho fhad ’s is fiosrach sinn, na dheigh sin. Bha iad do ghnàth a’ leantuinn fìrinn, [TD 11] [Vol. 9. No. 2. p. 3] onair, agus ceartais. Ged a bha iad cho dìchiollach ri daoine a bha beò, cha robh iad sanntach. Phòs Domhull an ceann beagan bhliadhnachan. Ach bha e cho cuimhneach air a mhàthair ’s a bha e riamh. An uair a dh’ eug a mhàthair thug e leis a phiuthar a b’ òige agus a bhràthair do’n Ghalldachd, agus fhuair iad uile air an aghart cho math ’s a dh’ fhoghnadh; oir bha iad air an teagasg le ’n athair ’s le am mathair gu bhith ’g imeachd anns na ceumannan a tha ceart, agus measarra, agus diadhaidh. “Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an còir dha imeachd; agus an uair a bhios e sean, cha treig e i.” (A’ chrioch.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. XIII. Cha bu luaithe a chaidh Abraim sios an staidhre a dh’ iarraidh bata gu gabhail air an righ na bhuail an righ a lamh air an uinneig, mar chomharradh gu ’n robh e ag iarruidh air Mesrour agus air a’ cheathrar sheirbhiseach a thainig g’ a ionnsuidh leis an trusgan rioghail as an luchairt, iad a ghrad thighinn do ’n talla far an robh e. Agus ghrad thoisich iad ri toirt dheth deise an iasgair, agus ri cur uime na deise rioghail. Mu ’n gann a bha ’n deise rioghail air a cur mu ’n righ, agus e ’na shuidhe air a’ chathair rioghail a bh’ anns an talla, co a nochdadh a nios air an staidhre chuil ach Abraim agus cuaille mor bata ’na laimh leis an robh ’na bheachd gabhail air an righ gu math ’s gu ro mhath, agus e an duil gur e iasgair a bh’ ann. Ach an aite an t-iasgair fhaicinn ’na sheasamh anns an talla mar a bha duil aige, is ann a bha aodach an iasgair air meadhain an urlair, agus an righ ’na shuidhe air a’ chathair rioghail, agus Giafar agus Mesrour ’nan seasamh air gach taobh dheth. Sheas e greis ag amharc air an t-sealladh so ris nach robh suil sam bith aige, agus e gun fhios aige co dhiubh a bha e ’na chadal no ’na dhusgadh. An uair a chunnaic an righ an staid anns an robh Abraim, thoisich e air gaireachdaich; agus thuirt e ris, “Abraim, ciod e tha dhith ort? Co air son a tha thu ’g amharc?” Ghrad thuig Abraim gur e an righ a bh’ aige ann an aite an iasgair, agus anns a’ mhionaid thilg e e-fhein ’na shineadh air an urlar aig a chasan, agus thuirt e, “A cheannaird nam fior chreidmheach, thug do sheirbhiseach truaillidh mor oilbheum dhut; ach tha e gu durachdach a’ guidhe gu ’m bi thu gle iochdar ris, agus tha e ag iarruidh mile mathanas air son na h-oilbheum a thug e seachad.” Cho luath ’s a chuir na seirbhisich crioch air an deise rioghail a chur uime thainig an righ a nuas bhar na righ-chathrach, agus thuirt e ri Abraim “Eirich ’na do sheasamh; tha mi ’toirt lan mhathanas dhut.” An uair a thuig Bean na Maise gu ’m bu leis an righ an garadh agus am pailliun, ged a bha Abraim a’ cur an ire dhi gu ’m b’ ann leis fhein a bha, iad, dh’ fhas i na bu toilichte; gu h-araidh an uair a chunnaic i gu ’m b’ e an righ fhein agus nach b’ e an t-iasgair a bha f’a comhair. Thuirt an righ rithe, “A Bhean na Maise, eirich agus lean mise. O na chunnaic thu mar a tha, faodaidh fios a bhith agad co mi, agus faodaidh tu a chreidsinn nach ’eil mise a’ dol a ghabhail seilbh ort, ged a bha Nouredin cho fior fhialaidh ’s gu’n d’ thug e dhomh thu. Chuir mi gu ruige Balsora e gus a bhith ’na righ ann, agus an uair a theid a shuidheachadh ’na righ, theid thusa gu ruige Balsora gus a bhith ’nad bhan-righ. Tha mi an drasta a’ dol a thoirt ordugh seomraichean a chur air leith dhut anns an luchairt far am faigh thu a h-uile frithealadh agus urram air am bheil thu dhigheach.” Thug na briathran so misneach agus comhfhurtachd mhor do Bhean na Maise. Bha tlachd anabarrach mor aice do Nouredin, agus thug an t-urram agus an suidheachadh ard anns an robh e gu bhith air a cur air falbh aobhar a broin Rinn an righ mar a gheall e, agus chur e i air churam na ban-righ, Sobaide, agus dh’ innis e dhi mu ’n t-suidheachadh anns an robh e ’cur Nouredin. Fhuair Nouredin turus do Bhalsora na b’ fhabharraiche na bha e an duil, agus rainig an long am baile na bu luaithe na b’ abhaist dhi. Cho luath ’s a rainig e am baile, ghabh e direach do ’n luchairt, far an robh an righ aig an àm air cheann ard-chuirt na rioghachd. Bha an litir ’na laimh an uair a chaidh e steach do thalla na cuirte, agus rinn e a rathad troimh an mhor-chuideachd a dh’ ionnsuidh na cathrach air an robh an righ ’na shuidhe. Ghabh an righ an litir as a laimh, agus thainig atharrachadh dreach air a ghnuis an uair a bha e ’g a leughadh. Thug e pog do ’n litir tri uairean, agus bha e ’dol a thoirt umhlachd do dh’ aithne righ Bhagdad an uair a smaoinich e gu ’m bu choir dha an litir a shealltainn do Shaoudhaidh, an t-ard. chomhairleach, a bha ’na dhearg namhaid do Nouredin. Dh’ aithnicn Saoudhaidh Nouredin anns a’ mhionaid, agus ghrad thoisich e ri gabhail amhruis nach b’ ann le naigheachd a chordadh ris a thainig e cho dana do ’n bhaile. Chuir na smaointean so dragh mor air. Chuir na briathran a bh’ anns an litir a cheart uiread ioghnaidh air ’s a chuir iad air an righ fhein. Agus o ’n a bha ’n gnothach a bh’ ann air thuar cron a dheanamh dha, smaoinich e gu ’m bu choir dha feuchainn ri ’thilgeadh bun os cionn. Bha e ’leigeadh air nach do leugh e an litir ceart, agus air an aobhar sin, an uair a dh’ iarr e sealladh eile dhi, thionndaidh e ceum a thaobh mar gu ’m biodh toil aige a leughadh ann an solus a b’ fhearr; agus, gun fhios do neach sam bith, shrac e dhith an t-osin air an do sgriobh righ Bhagdad na facail a bha toirt ughdarrais do ’n litir, agus shluig e e. An deigh do Shaoudhaidh an gniomh eucorach so a dheanamh, thug e an litir do ’n righ, agus thuirt e ris, “Mo thighearna, ciod a tha ’nur beachd a dheanamh?” “Tha mi ’dol a dheanamh mar a dh’ aithn an righ dhomh,” ars’ esan. “Thugaibh an aire, mo thighearna, ciod a tha sibh a’ dol a dheanamh. Tha e fior gu leor gur e so lamh-sgriobhaidh righ Bhagdad, ach cha ’n ’eil an t-ughdarras sgriobhte air an litir.” Ged a thug an righ an aire do ’n ughdarras an uair a dh’ fhosgail e an litir, cha do ghabh e beachd gu ceart air; ach leis mar a chuir an gnothach a bh’ ann cho mor troimh a cheile e, cha b’ urrainn e bhith cinnteach co dhiubh a bha e ann no nach robh. “Mo thighearna,” arsa Saoudhaidh, “cha ’n eil teagamh nach d’ thug an righ dha an litir so an uair a chual’ e an droch theist a thug e oirbhse agus ormsa, ach cha b’ ann a chum gu ’n deanadh sibhse mar a tha ’n litir ag iarraidh, ach a chum Nouredin fhaotainn as a shealladh. A bharrachd air so, feumaidh sinn a thoirt fa near nach do sgriobh an righ facail an ughdarrais air an litir; agus as eugmhais an ughdarrais cha ghabh an t-ordugh cur an gniomh. Agus o nach do chuireadh righ riamh bhar a’ chruin gun a dhol troimh chursa araidh dh’ fhaodadh duine sam bith eile cho math ri Nouredin tighinn do ’r n-ionnsuidh le litir gun ughdarras. Ge b’ e air bith co thig le litir dhe ’n t-seorsa so, cha bu choir geill a thoirt dhi. Faodaidh bhur morachd a bhith cinnteach nach tugadh geill riamh do litir dhe ’n t-seorsa. Ma dh’ eireas diumbadh no tuasaid sam bith o shaillibh easumhlachd a thoirt do ’n litir so, gabhaidh mise air mo cheann fhein e.” Ghabh Sinebi, an righ, an droch chomhairle so, agus leig e le Saoudhidh deanamh ri Nouredin mar a thogradh e fhein. Thug Saoudhaidh masladh gu leor do Nouredin an àm dha bhith ’g a thoirt leis d’ a thaigh fhein. An uair a ghabhadh air le slait gus an robh e leith mharbh, dh’ ordaich e a chur ann am priosan dubh, dorcha, agus gun dad a thoirt dha ach aran is uisge. An uair a thainig Nouredin as a’ bhreislich anns an robh e an deigh mar a chaidh a leith mharbhadh leis na fhuair e de bhuillean, thoisich e ri caoidh gu trom air son na thainig air de mhi-fhortan. “Ah! iasgair,” ars’ esan, “nach tu thug an car asam? Nach beag a shaoilinn an deigh na nochd mi de chaoimhneas dhut gu ’m biodh tu ’nad mhathair-aobhair air an droch dhiol a rinneadh orm? Ach air a shon sin, gu ’n tugadh ni math duais dhut Cha ’n urrainn mi chreidsinn gu ’n robh toil sam bith agus feuchaidh mi ri gìulan le mo thrioblaidean gu foighidneach gus an tig iad gu crich.” Bha Nouredin bochd anns an t-suidheachadh thruagh so fad seachdain. Agus cha do leig Saoudhaidh air dichuimhn gu ’n robh e anns a’ phriosan aige. Agus o ’n a chuir e roimhe gu ’n fhaodadh e so a dheanamh gun ughdarras an righ, chaìdh e far an robh an righ, agus triuir sheirbhiseach maille ris le eallaich an droma de thiodhlacan luachmhor a bha e gus a thoirt dha. “So agaibh, mo thighearna,” ars’ esan, agus e lan goimh is droch madair, “tiodhlacan a chuir an righ ur do ’r nionnsuidh an deigh dha bhith air a shuidheachadh air a’ chrun, agus tha e ’guidhe air bhur morachd gu ’n gabh sibh uaithe iad.” Thuig an righ gu math ciod a bha Saoudhaidh a’ ciallachadh, agus thuirt e’ “Ciod e tha thu ’g radh! Am bheil an creutair suarach ud fathast beo? Shaoil ml gu ’n do chuir thu gu bas e roimhe so.” “Mo thighearna cha ’n eumhachd agamsa air duine sam bith a chur gu bas; is ann dhuibh fhein a bhuineas an cumhachd so.” “Bi falbh anns a’ mhionad,” ars’ an righ, “agus thoir an ceann dheth. Tha mise a toirt lan chead dhut” “Mo thighearna,” arsa Saoudhaidh, “tha mi anabarrach fada ’nur comain air son a’ cheartais a tha sibh a’ deanamh rium; ach o ’n a thug Nouredin masladh dhomh ann an lathair an t-sluaigh, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu ’n leig sibh dhomh cead a chur gu bas air beulaobh na luchairt, agus gu ’n cuirear daoine air feadh a h-uile cearn dhe ’n bhaile a ghlaodhaich gu ’m bheilear gus a chur gu bas a chum gu ’m bi fios aig an t-sluagh gu leir gu ’m bheil aige ri lan riarachadh a thoirt seachad air son na masladh a thug e dhomh.” Thug an righ dha cead deanamh mar a bha e ag iarraidh. Ghrad chuireadh daoine air falbh air feadh a’ bhaile a ghlaodhaich gu ’n robh Nouredin ri bhith air a cur gu bas gu follaiseach air beulaobh na luchairt. Chuir an sgeula muladach so dragh-inntinn ro mhor air sluagh a’ bhaile; oir bha cuimhne mhath aca gu ’n robh ’athair ’na dhuine a bha maiseach ’na ghiulan agus ceart ’na dhreuchd, agus bha uamhas agus corruich ro mhor orra an uair a chul’ iad gu ’n robh a mhac ri bhith air a cur gu bas maslach tre ’n ghamhlus a bha aig Saoudhaidh dha. (Ri leantuinn.) Ann an Tacoma, Wash., an la roimhe, thuit carbad-stràide bhar drochaid, tri fichead troigh a dh’ àirde. Bha i làn aig an àm, agus bha suas ri tri fichead air am marbhadh. [TD 12] [Vol. 9. No. 2. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichcan, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, IULAIDH 13, 1900. Rinn riaghladh nan Staidean cordadh-malairt ri Trinidad o chionn ghoirid; ach ’nuair a chuireadh a chùis fa chomhair pàrlamaid nan Stàidean chuir iad dàil ’sa ghnothach; cha robh iad air son an còrdadh a dhaighneachadh gu àm eile. Tha pàrlamaid Trinidad mi-thoilichte air son sin, agus cha’n eil iad a dol a dh’ fheitheamh ris na Stàidean, ach tha iad a cur rompa còrdadh-malairt a dheanamh ri Canada. Anns an àireamh so gheibhear an earainn mu dheireadh dhe’n sgeul a bha “Iain” ag aithris o thoiseach na bliadhna,—“Domhull Dona Mac na Bantraich.” Tha fhios againn gu’n d’ fhuair a mhor chuid de ar leughadairean toileachadh agus fiosrachadh o’n sgeul so. Tha “Iain” ’n a fhear-innse sgeòil a tha anabarrach taitneach, agus tha dòchas againn nach ruith moran ùine gus an tòisich e air sgeul eile thoirt dhuinn. Tha ’n sgeul mu dheireadh a thainig a Sina ag radh gu bheil an t-seana bhan-impire an deigh an riaghladh a ghabhail ’na laimh fhéin a rithist, agus nach robh gach fathunn a thainig mu mhort nan Eorpad cho fios ’sa bhatha an dùil. Ged nach i ’bhan-impire an urra riaghlaidh a’s fhearr cliù a tha air an t-saoghal, ’se ar barail gur h-i ’s fhean air an stùir ann an Sina na iadsan a th’ air ceann na ceannairc. Is fhearr an t-olc eòlach na an t-olc aineolach. Tha e da-rireadh iongantach an dith-breathnachaidh a tha moran de phaipearan naigheachd na dùthcha so a nochdadh, a thaobh cùisean-riaghlaidh. Faigh paipear a tha gabhail pàirt nan liberals, agus leugh e o thoiseaeh gu deireadh; ma chreideas tu gach ni a chi thu ann, creididh tu nach robh dùthaich riamh fo’n ghréin a bha air a riaghladh cho glic, cho ceart, agus cho math air gach dòigh ’s a tha ar dùthaich fhéin aig an àm so, agus nach eil cunnart sam bith a’ bagradh cron a dheanamh oirre ach an cunnart gu faigh na conservatives greim air an stiùir ’nuair a bhios aonnta nan liberals a mach. Ach ma dh’ fhosglas tu paipear conservative, ’s ann a tha cùisean air atharrachadh sin. Tha an dùthaich bochd, trom anns na fiachan, air a riaghladh leis na Frangaich, agus a dol a thun an uilc cho luath ’sa ghabhas i cur ann; ’s cha’n eil dòigh air a cor truagh a leasachadh ach an aon dòigh—na grits a chur a dreuchd ’s na tories a chur ’nan àite. Cha’n eil aon seach aon diubh a’ faicinn cron sam bith ’na phairtidh fhéin no math anns a phàirtidh eile. Tha na daoine firinneach, onorach, seasmhach, dileas, uile ’sa phairtidh d’ am buin am paipear; tha na breugairean, na slaoightirean, na daoine carach, lùbach, gu h-iomlan anns a phàirtidh eile. Cha ’n eil iad am feasda sgith dhe bhi seinn nan duan sin; cumar suas iad o sheachdain gu seachdain ’s o bhliadhna gu bliadhna, a sàrachadh an luchd-leughaidh ’s gan cumail an aineolas air cùisean na dùthcha. Agus na’m bu daoine aineolach, neo-bhreathnachail a bhiodh a’ sgriobhadh nan nithean sin, bhiodh an leisgeul, ann an tomhas, ri ghabhail; ach tha moran de na paipearan air an deasachadh le daoine tha fiosrach, foghluimte, agus làn chomasach air gnothuichean a reusonachadh a mach nan toireadh iad oidhearp air sin a dheanamh; agus na’n toireadh cha ruigeadh iad a leas a bhi cho fior chruaidh air an fhirinn ’sa dh’fheumas iad air uairibh a bhith; cha chleachd neach sam bith a’ bhreug ’nuair a ni an fhirinn an aon fheum dha. Ach tha e ’n dheagh chomharradh air foghlum us tuigse ’n t-sluagh gu bheil paipearan dhe’n t-seorsa air am bheirlear a toirt iomraidh a’ call am meas, agus gu bheil parpearan nach eil cho searbh no cho mi-reusonta ’nan dòigh labhairt a faotainn am barrachd cliù mar a tha ’n ùine dol seachad. Tha latha nam paipearan agus nan daoine tha feuchainn ri buaidh a thoirt a mach le trod ’s le càinneadh a’ siubhal gu luath. Tha esan a tha aig sith, gun amharas air neach air bith, ach am fear a tha mi-thoilichte agus buaireasach, tha e làn amharasan; cha ’n ’eil sìth aige féin, is cha leig e le daoin’ eile sith bhi aca. Is math is aithne dhuit do leisgeal fein a ghabhail, agus an dreach a’s feàrr a chur air do dheanadas, ach cha’n eil moran foighidinn agad ri leisgealan dhaoin’ eile. Tha daoin’ ann aig nach ’eil sìth annta fhein, ìs nach leig fois le feadhain eile. Tha iad so ’nan claoidh do dhaoin’ eile ’s ’nam buaireas dhaibh fhéin. Is olc an t-aoidh is misd’ an taigh. Cho eolach ’s a tha ’n ladar air a phoit. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29, 1900 1yr A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 13] [Vol. 9. No. 2. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha na measan, a reir gach coltais, gu bhi gle phailt air an fhoghar so. Tha ’n t-achd leis am bheil Roinnean Australia ri bhi air an tàthadh ri chéile air a dhol troimh ’n phàrlamaid Bhreatunnaich, agus an ùine ghoirid, bidh Australia ’na h-aon dùthaich, mar a tha Canada o chionn tri bliadhn’ deug air fhichead. An turus mu dheireadh a thaghail an soitheach-smùide Harlaw aig Eilean Phòil, chaidh triùir dhaoine chur air tìr leatha a tha dol a chladhach air son ionmhais a tha iad an dùil a bha air a thiodhlacadh air an eilean sin le Caiptean Kidd, no le fear-eigin eile dhe sheòrsa. Tha Sir Tearlach Tupper air a dhol a null do Bhreatunn far am bheil dùil aige fuireach fad da mhios. Tha Mr. Tarte, a bha o chionn treis a dh’ ùine anns an Fhranig a tilleadh dhachaidh. Cha robh a shlàinte ach gle dhona air an earrach s’a chaidh, ach tha e air a dhol am feobhas. Tha an ard pharlamaid an deigh lagh a dheanamh air son cùisean a dh’ fhaodas éiridh eadar luchd-fastaidh agus luchd-obrach a shocrachadh gu sitheil agus gun chall ùine. Bidh sin ’na ni gle fheumail anns an dùthaich, oir mar a tha an dràsda, ainneamh le obraichean mora bhi air an cur nan tàmh le mi-chòrdadh eiridh mu thuarasdal ’s mu ghnothaichean eile. Tha Matheson, Townsend & Co. an deigh an cuid bathair a reic, ’s an stor a thoirt seachad air mhàl. Bha iad so ri ceannachd o chionn iomadh bhiadhna, ’s cha mhor a th’ ann an Sidni no air an dùthaich mu’n cuairt nach do chuir deagh eòlas orra. Tha sinn a’ creidsinn gur h-e Domhull Mathanach an duine ’s fhaide lean ri obair cléirich a tha ann an Sidni; chaidh e air cùl a chùnntair an toiseach ’sa bhliadhna 1863, agus bha e ’creic ’sa ceannach riamh uaithe sin. Chuir Impire bochd Shina crioch air fhéin le deoch phuinnsean air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fheuch an t-seann bhan-Impire, ise bha gabhail an riaghlaidh os laimh o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, ri crioch a chur oirre fhéin air an dòigh cheudna, ach tha i fhathast beò. Tha e air a radh gu bheil Prionnsa Tuan an deigh lan-ùghdarras a ghabhail d’a fhéin ’nan àite ann am Pekin. Tha troimhe-chéile mhor anns an dùthaich, agus tha e duilich sgeula fior fhaotainn aisde thaobh ciod a tha tachairt. Bha teachdairean aig na Boerich a’ siubhal nan Stàidean o chionn da mhios, a’ feuchainn ri sluagh agus riaghladh na duthcha sin a ghluasad gu cuideachadh a dheanamh leotha an aghaidh Bhreatunn. Cha d’ fhuair iad misneach sam bith. Chaidh déiigeadh gu caoimhneil riutha, ach cuideachadh cha’n fhaigheadh iad. Dh’ fhàg iad na Staidean deireadh a mhios s’a chaidh. Cha’n eil teagamh nach eil na Boerich a nise ’n deigh gach dòchas a bh’ aca ’chall gu ’n rachadh dùthaich no rioghachd air choireigin eadar iad us Breatunn. Tha ’n riaghladh a togail laimhrig ur, a chosgas mile dolair, ann an Ingonish. Bidh i ullamh mu thoiseach an fhoghair. Na diochuimhnicheadh luchd-gabhail Mhic-Talla gur e so toiseach na bliadhna, agus gur coir dhaibh am pàigheadh a chur a stigh gun dàil. Leis gach parg puinnd de Union Blend Tea a cheann aicheas tu gheibh thu seansa air aon de na duairean arigeid fhaotainn. Chaidh bristeadh a stìgh do stor ann an Sidni Tuath oidhche Di-satharna s’a chaidh. Cha d’ fhuair na robraiean ach mu shia tasdain a dh’ airgead, ’s cha d’ thug iad leotha bhaeag de sheois’ eile, oir ’se ’n t-airgead a bha dhith orra. Ged nach eil fhathast ach mu bhliadhna gu leth o’n chaidh a phostachd isleachadh eadar Canada ’s an t-seann dùthaich, tha àireamh nan litrichean a tha dol air ais ’s air adhart air a dhol am meud cho mor ’s gu bheil an teachd-a-steach a cheana uiread ’sa bha e mu’n do thòisicheadh air an giùlan air son da shent an àite-coig. On a thòisich an cogadh ann an Africa mu Dheas, bha an call air taobh Bhreatunn mar a leanas: air am marbhadh, 254 oifigeach agus 2,403 saighdear; air chall agus ’nam priosanaich, 65 oifiigeach agus 2,624 saighdear; chaochail le tinneasan, 133 oifigeach, agus 4,204 saighdear; chuireadh dhachaidh tinn, 884 oifigeach agus uile gu leis 1296 oifigeach agus 27,669 saighdear. Tha na h-oifigich a’s isle ’san arm, mar a tha sergeant, corporal, agus mar sin, air an cunntas an àireamh nan saighdearan cumanta. Iadsan a Phaigh. Iain A. Domhnullach, St. Georges, P. E. I. Somhairle Mac-a-Phearsain, Green Marsh. Iain I. Siosal, Pictou, N. S. Seumas O’ Laoghaire, Moyie, B. C. A. Domhnullach, Hastings, B. C. Ailean Domhnullach, Hastings, B. C. Tormad Moireastan, Peveril, Que. Carstine Nic Aoidh, Ripley, Ont. D. Mac-an-t-Saoir, No. Burns, Mìch. Iain L. Brower, New York. N. A. Domhnullach, Bute, Mont. M. Mac-an-t-Saoir, Twin Bridges, Mont- Iain N. Beutan, Vallejo, Càla. Domhull Mac Coinnich, Glaschu, Alba. D. I. Mac Isaic, Edwardsville. Uilleam Patterson, Sydney Forks. Ailean Camaran, Amhuinn Dhennis. Callum Gillios, Blues Mills. A. R. Mac-a-Phearsain, Blues Mills. D. A. Mac Neill, Reserve Mines. Domhull Mac Cuthais, Bridgeport. Callum Mac Gill-fhaollain, Margaree. Gilleasbuig Mac Phail, Orangedale. Iain Mac Odrum, Sidni. Domhnll O’ Handley, Sidni. Niall Mac Gilleain, Fourchu. An t-Urr. R. Domhnulluch, Glace Bay. An t-Urr. A. L. Domhnullach, Broad Cove. Coinneach Mac Isaic, Amhuinn Mhuileach. Seumas P. Gillios, Cobh a Bheabheir. Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien. Iain B. Domhnullach, Rathad Lingan. Iain G. Mac Thearlaich, Amhuinn Mheadhonach. A. J. Mac Fhearghais, Carribou Marsh. Alasdair Mac Colla, Hillside, Mira. Lena B. Dhomhnullach, Amhuinn a Tuath. S. C. Caimbeul, Eilean Phoil. Iain Mac Aoidh, Kempt Road. D. N. Mac Gille-mhaoil, Loch Ainslie. Fhuair sinn an diugh 500 Paidhir de bhrogan fhirionnach Dong. Bals. Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1.25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1.40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar. Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn. Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta. H. H. Sutherland & Co. Stor Airgeid na h-aon Phrise. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 14] [Vol. 9. No. 2. p. 6] Famhair an Tighe-Chreigeadh. Is fada bhios cuimhn’ air an am anns an robh am Famhair ann an Tigh-Creigeadh Ghleann Sgàladail ’s an Eilean Sgiathanach. Cha robh duine sam bith aig an robh fios co as a thainig e; agus cha mho chaidh duine beò sam bith a steach do ’n Tigh-Chreigeadh, mu’n d’thainig am Famhair. Bha staidhre chloiche a dìreadh a dh’ iunnsaidh an doruis; agus bha ’n staidre sin geal le cnàmhan nan daoine marbha. Bu mhòr eagal luchd-àitich na dùthcha romh ’n Fhamhair, an uair a thigeadh e ’mach a dh’ iarraidh lòin le ’thuath-chogaidh ’na laimh. Bha e ’n a chùis fharbhais do gach beag ’us mòr ’s an tìr. Cha robh feasgar a dol seachad nach cluinnte neach éigin air ionndrain a measg an t-sluaigh, no crodh ’us caoraich o measg nan treùd. Ach bha aon ni eile a dh’ fhàg a’ chùis ni b’ uamhasaiche agus ni b’ iogantaiche. Cha deachaidh duine sam bith riamh cho fad a steach ’s a bha’n Tigh Creigeadh a ruigheachd fodh ’n talamh: agus cha robh fhios nach b’ ann bho chridh’ an t-saoghail a thainig am Famhair, far am faodadh e ’dhol air ais agus innse d’ a chàirdean gu ’n d’ fhuair e dùthaich anns an robh spréidh ’us daoine gu leoir. Ach coma co dhiù, lean am Famhair air marbhadh a’ chruidh ’s nan daoine. ’S mòr an call a rinn e, oir bha ’thoil féin aige; a chionn nach robh doigh sam bith air a bhacadh. Sgaoil an naigheachd fad ’us farsuing agus bha mòran ann an ceàrnaibh fad as gle thaingeil nach ann ’n am measg féin a thainig a leithid sud do dh’ Uilebheist. Bha gaisgeach òg ann an uair sin, d’ am b’ ainm Mac-an-Fhidhir. Air dhàsan an sgeul a chluinntin, thainig e do Ghleann Sgàladail, a chum gu ’m faiceadh e méud agus coltas an Famhair. Ach air an t-slighe chunnaic an t-òganach neach a bu taitniche leis na gach Famhair a bha riamh sir talamh na fodh ’n talamh. B’i ’n neach sin nighean Fear-Bhatairstein. Tha e air a luaidh ’s an t-seanachas gu ’n robh i annabarrach maiseach ri amharc oirre. Bha a sùilean caomh agus sgiamhach; a gruaidh mar ròs fodh bhlath; agus a folt mar sgiath an fhithich. Thubhairt an t-òganach ris féin gu ’m b’ i sud an aon mhaighdean air a shon-san. Ghlac a maise cridh a’ ghaisgich cho teann ’s gu ’n do thill e gu ’dhachaidh féin, gun a dhol ni b’ fhaide air aghart ’s an t-slighe do Ghleann Sgàladail. Mu dheireadh thall, thainig am Famhair e féin gu Tigh-mòr Bhatairstein. Tha e air a chantuinn gu’n do mharbh e muinntir an tighe gu leir, ach a’ mhaighdean sgiamhach ’n a h-aonar. Ghabh e iongnadh de a maise, agus thug e air falbh i mar phriosanach no mar àilleagan do ’n Tigh Chreigedh. Sgaoil an sgéul so fad ’us farsuing. cho luath ri falaisg an aonaich ’s a’ mhios Mhàrt. Ach cò ’chuireas ’an céill déuchainn agus fearg Mhic-an-Fhidhir, an uair a thainig an naigheachd gu ’chluasan. Cha robh fear-cogaidh riamh cho iotmhor airson fuil a nàmhaid ’s a bha Mac-an-Fhidhir airson fuil an Fhamhair. Mhionnaich an t-òganach dha féin nach biodh ann ach bas no buaidh. Thog e a sgiath-chogaidh agus a chlaidheamh mòr. Chuir e ’aghaidh air Tigh-Creigeadh Ghleann Sgàladail. Bha ’n dorchadas a tuiteam air a’ ghleann, an uair a nochd Mac-an-Fhidhir ris an àite sin anns an robh an aon mhaighdean a bu mhilse leis fodh ’n ghréin ann an gainntir, ma bha i fathast beò. Ged a bha gathan deireannach an fheasgair a dealradh le fiamh an òir air mullach nam beanntan àrda, agus ged a bha Gleann Sgàladail shios aig am bonn, ’n a thrusgan gorm samhraidh gu tosdach, ciùin, gidheadh cha robh cridhe Mhic-an-Fhidhir ach glé mhi-fhoiseil, a plosgartach eadar fearg agus dòchas. Smuainich an gaisgeach gu ’n gabhadh e cothrom na h-oiche air an Fhamhair, nach d ’thug cothrom riamh do chàch. ’S ann mar sin a bha, dhìrich an t-òganach an staidhre chloiche, an uair a bha ’n oich’ air tuiteam. Bha ’m Famhair an deigh tilleadh thar a chuairt làthaìl, agus bha ’chuid arm ’an crochadh ris a’ boalla. Leum an t-òganach a steach gu meadhon an t-seòmair; agus mu ’n do thàr am Famhair sealltuinn uige na uaithe, bha claidheamh géur Mhic-an-Fhidhir, cho luath ri dealan na h-oiche, air feadh a chuid asnaichean. Thuit am Famhair le ràn uamhasach; agus ’s ann aige féin a bha na h-aobhair. Gu fortanach fhuair an t-òganach a’ mhaighdean gu beò slàn. Dh ’fhuasgail e i as a ceanglaichean; agus thug e air falbh i. Cha do chuir am Famhair dragh orra, oir ’s e goirteas a chuim féin a bha air aire-san. Air an làtha màireach, chruinnich muintir an àite gu h-aoibhneach, agus shlaod ìad an Uile-bhéist leòinte gu slochd ris an canair fathast “Leabaidh an Fhamhair.” Chroch iad e gus an d’ fhag an deò e; agus dh’ adhlaic iad e gu togarrach. Cha do shilleadh dèur, agus cha chualas osna mu uaigh an Fhamhair. Beagan ùine ’n a dhéigh sin phòs Mac-an-Fhidhir a’ mhaighdean. Shealbhaich iad le ’chélle gràdh an t-sluaigh. Agus tha ’chuimhne-san measail fathast, mar an t-òganach gaisgeil, a shaor a leannan agus an dùthaich bho ’leithid sudud do chuisuamhais.—N. R. ’sa Highland News. Tha iomadh ni iongantach ri bhi air fhaicinn aig Lemen Brothers nach fhaicear aig circus sam bith eile. Di-satharna, Iulaidh 14. Am meag nan nithean iongantach eile bhios aig an circus Di-satharna, chithear Caiptean Santiago a leum bho àirde mhoir dh’ ionnsuidh an lair. Tha an leum da-rireadh iongantach, agus ’s math is fhiach e fhaicinn. ’S e ’n suidhe docharach ’s an taigh osda is fearr. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent Sidni Tuath. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Cha’n euchd mor do dhuine giulan le daoine ciùin ciallach, agus is taitneach an t-sìth leis na h-uile, agus is miann leò iadsan a tha dh’ aona bheachd riutha fhein. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gacn gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadhna. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. [TD 15] [Vol. 9. No. 2. p. 7] Clann Domhuall. Dh’ fhàg Somhairle Mor Mac Gillebhride tri mic, Dùghall, Raonall, agus Aonghus. B’ e Dughall gineadair agus ceud cheann cinnadh nan Dughallach. Bha da mhac aig Raonall, Domhnall agus Ruairidh. B’ e Domhnall gineadair agus ceud cheann-cinnidh Chlann-Domhnaill; agus b’ e Ruairidh gineadair agus ceud cheann-cinnidh Chlann Ruairidh. Bha da mhac aig Domhnall, Aonghus mor agus Alasdair. Bha coig mic aig Alasdair, Domhnll, Goiridh, Donnachadh, Eoin, agus Eachann. Bha Domhnall agus Goiridh beo sa bhliadhna 1314. Bha mac aig Domhnall do ’m b’ ainm Alasdair. Tha Alasdair air ainmeachadh comhla ri ’athair sa bhliàdhna 1291. Dh’ fhag Eachann mac Alasdair mac a cheud Domhnaill tri mic, Tearlach, Lachainn, agus Sitheach. Chaochail Aonghus Mor, darna ceann cìnnidh Chlann-Domhnaill mu’n bhliadhna 1295. Dh’ fhag e tri mic, Alasdair og, Aonghus Og, agus Iain Sprangach. Phos Alasdair Og nighean mhic Dhughaill Latharna. Bha sia mic aige, Somhairle, Raonall, Aonghus, Eoin Dubh, Tearlach Mor, agus Goiridh. Cha’n fheil e a leanachd gur h-ann le nighinn Mhic-Dhughaill a bha na mic so uile. Tha e gu math cinnteach gu ’m b’ e Raonall an t-oighre dligheach. Chaidh Somhairle Eoin Dubh, is Tearlach Mor do dh-Eirinn. Bha Alasdair Og gu h-amaideach a cogadh an aghaidh a Bhrusaich. An 1308 thug an Brusach bhuaithe a chuid fearainn, agus thug e do dh-Aonghus og a bhratheir e. Their ciud Alasdair Mor ri Alasdair brathair athair Alasdair Oig. Tha e duilich innse gu de am bonn a tha aca airson a bhith ag radh Alasdair Mor ris. Cha ’n fheil leabhar sloinnteireach na bliadhna 1467 ag radh ris ach Alasdair mac Dhomhnaill. Tha ’n leabhar sin gun teagamh ag radh gu ’n robh fear do ’m b’ ainm Somhairle air a shloinneadh mar so; Somhairle mac Gillebhride mhic Ghoiridh mhic Alasdair mhoir. Tha e lan chinnteach gur h-e a bha ’n sgriobhadair a rùnachadh a chur a sois,—Somhairle mac Gillebhride mhic Ghoiridh mhic Alasdair Oig mhic Aonghuis mhoir. Thachair dha, mar a thachair do dh-iomadh duine eile, gu ’n d’ fhàg e beagan fhacal as an t-sreath a bha e a sgriobhadh. Ge luath am peann is i an inntinn a’s luaithe. B’e Aonghus Og an coigeamh ceann-cinnidh aig clann Domhnaill. Dh’ eug e mu’n bhliadhna 1329. Dh’fhag e da mhac, Iain nan Eileinean agus Iain an Fhraoich. S i nighean do Dhùghall mac Ianraic an Gleanna-Comhann a bu mhathair do’n darna h-Iain. Phòs Iain mac Aonghuis Oig, tighearna nan Eileinean, Aimi Nic Ruairidh, agus bha ceathrar chloinne aige rithe; Iain, Raonall, Goiridh, agus Mairi. Phos e a rithisd Mairearad Stiubhart agus bha tri mic aigè rithe; Domhnall, Iain mor Tanaistear, agus Alasdair carrach. Bha Mairi posda ri Lachainn lùbanach, triath Dhubhairt. Thuit a mac, Eachan ruadh nan Cath, ann an blar Harla, no cath Garbh-fhaiche ’sa bhliadhna 1411. Is ann bho Iain sprangach a thainig Clann Iain Ardnamurchann. Is ann bho Iain an Fhraoich a thainig clann Iain Ghlinne-Comhann. Theirteadh Mac-Iain ri triath Ardnamurchann. gus mae Mhic-Iain ri triath ghlinne-Comhann. A. M. S. MORT GHLINNE-COMHANN. ’S mi am shuidh, air a chnocan, Chaidh mo leirsinn an olcas, ’S mi mar aon mhac an trotain air m’ fhagail. Tha mi coimhead a ghlinne Far am b’ aighearach sinne Gus an d’ aom oirnn an fhine ’n robh ’n fhàilinn. Rinn na Duibhnich riomh ’n eadradh Ar fuil uasal a leagail, ’S bha Gleann-liobhann na ’sheasamh mar cheannard. B’ e mo rogha sgeul eibhinn, Moch Di-luan is mi ’g éirigh, Cìnnt gu’n dàinig Righ Seumas o’n Fhraing oirnn. gh Gu’m biodh iomain ball achaidh Air na cealgairean ascaoin ’Loisg ar n-arbhar ’s ar n-aitreabh ’sa eamhradh. Deagh Chlann Iain nan gadhar ’Rinn na h-uaislean a thadhal Bha gan riasladh fo chutach gun chàirdeas. Dh’ fhàg sibh marcaich’ ’n eich uaibhrich Reubt’ air ruidhe nan ruadh-bhoc, Ann an sneachda trom fuar nam beann arda Dh’ fhàg sibh làraìchean dubha Far am’ b’ abhaist duibh suidhe ’N comunn luchdan fhuilt bhuidhe, dhuinn, amlaich. ’Fhir Bhail’-fhearna nam badan, Bu chean-feadhn’ thu air brataich; Is chaidh smùid ’chur ri t’aitreabh na smàlaibh. Sòlas an dara duine, dòlas an duine eile. Cha diùlt peann breug. Thig smal air an òr. Gheibhear fàth air a mhuir mhòr. ’S fearr pilleadh na bàthadh. ’Se dichioll athair na pisich. An ni a theid fada o’n t-sùil, theid e fada o’n chridhe. Bithidh dorn aig fear na h-eadraiginn. Is ionmhuinneach le gach neach a choslas. Mar chloich a ruith le gleann feasgar fann foghaire. Esan a thig beo air dòchus bàsaichidh e ’na thrasgadh. Far nach bi ni caillidh an Righ a chòir. Am fear a thig gun chuireadh suidheadh e gun iarraidh. “Coma-co-dhiù”—mar a bha Tòmas ’n uair loisg e ’bhrùth—’s cha b’i bhruth idir a bha e caoidh ach a bhriogais. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. The Scotish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Is lom an cladach air an cunntar na faochagan. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. [TD 16] [Vol. 9. No. 2. p. 8] ORAN DO MHAC-LEOID DHUN-BAEAGAIN. LEIS A CHLASAIR DALL. AM BARD.—Gur h-i’n t-saighead tha’m chré A dh’fhag treoghaid mo chléibh cho goirt, Aig na rinn mi ad dheidh ’S mi ’n diugh ’siubhal leam fein gun toirt, Gun robh mis’ air do thoir, ’S bha mi ’m meas gun robh còir agam ort, A mhic athar mo ghraidh; B’ esan m’ aighear is m’ agh, ’s tus’ m’ olc. Chaidh a chuibhle mu ’n cuairt, Agus thionndaidh gu fuachd am blaths, Nàile chunnaic mi uair An Dun rathail nan luaidh a bha Ard cho-chruinneach’ an t-sluaigh ’Cur ri mathas gun chruas, gun chàs; Dh’ fhalbh an latha sin uainn Is tha ’n talla gu fuaraidh fàs. Tha Mac-Talla fo ghruaim Dh’ fhag e ’m bail am biodh fuaim a cheoil; Ionad tathaich nan char Tha gun aighear, gun mhiagh, gun doigh, Tha gun mhire, gun mhuirn, Tha gun iomrachadh dluth nan corn, Gun chuirm pailtis ri daimh, Is gun mhachus. gun mhanran beoil. Dh’ fhalbh Mac-Tall’ as an Dun, Nuair a thainig oirnn diu nan triath, ’S ann a thachair e rium. ’S e air seachran air cul nan shabh, MAC-TALLA.—Labhair esan air tùs, Reir mo bheachd-sa gur tu ’bha riamh, Am measg cuideachd na muirn, Gus an uiridh an Dun nan char. AM BARD.—A Mhic-Talla nan tùr, ’S math mo bharail gur tu a bha Ann an aros nam tiann A comhaithriseadh gniomh mo lamh. MAC-TALLA.—’S ceart do bharail: gur mi Is bu deacair dhomh fhin ’bhi ’m thamh ’G eisdeachd brosluim gach ceoil, Ann am fochair Mhic-Leoid an aigh. ’S mi Mac-Tall’ a bha uair ’G eisdeachd faruim nan duan gu tiugh, Far ’m bu mhuirneach am beus An am cromadh do ’n ghrein ’san t-sruth; Far am b’ fhoirmail na seoid, ’S iad gu h-oranach, ceolmhor, cluth; Ged nach faicteadh mo ghnuis Chluinnteadh leotha ’san Dun mo ghuth. ’S mi Mac-Tall’ a bha ’thamh ’S an aitreamh ’n robh gradh nan cliar, An triath tighearnail, toann, Is an cridhe gun mheang na chliabh. Thug e speis d’a thir fein, Cha do chleachd e Duneìdeann riamh; Dh’ fhag e ’m bonnach gun bheum, S b’ fhearr gun leanadh na ’cheum a shiol. ’N am bhith ’g eirigh gu moch Ann ’san teaghlach gun sproc, gun ghruaim, Chluinnteadh gleadhraich nan dos Is an ceile nan cois o ’suain. ’Nuair a gheibheadh i ’lan ’S igun duisgeadh an àird an sluagh, Le meoir fhileanta ghrinn, ’S i gu ruith-leumnach, binn ’sa chruaich. Bhiodh a rianadair fein ’Cur an ire gur h-e ’bhiodh ann. ’S e ag eirigh nam measg Is an eighe gu tric na cheann. Ged a b’ ard leinn a fuaim, Cha tuairgneadh e sinn gu teann, Chuirteadh tagradh am chluais. Le h-aidmheil gu lath ’s gu mall. An am gabhail mu thàmh Gum biodh furtachd ’san fhardaich reidh; Dhómsa b’ fhurasd’ a radh Gum bu chuireideadh gàir nan teud; Iad fo iomairt do lamh ’Cur am binneas de ehach an geill; ’S gun bu shiubhlach am chluais Mothar luth’ar do luasgan mheur. Ann san fheasgar an déidh Am teasa na greinn’ trath-noin, Bhiodh fir chneapain ri clair ’S mnai a feagairt a ghnath ’cur leo. Bhiodh da chomhairleach ghearr A dian labhalrt ’s gum b’ ard an gloir; Is bu thitheach an guin Air na daoine gun fhuil, gun fheoil. Gheibhteadh fleasgaich gun sgraing Ann san talla le gradh gun fhuafh, ’S oighean grinne ’n fhuilt reidh Air an urlar lé cheil’ a gluas’d, Iad le ceileiribh beoil ’Dannsadh iollagach, ordail, suairc’, Is fear-bogha nan coir A cur meadhail a mheoir nan cluais. AM BARD.—A Mhic-Talla so ’bha Ann sa bhail’ ’an do thàr mi m’ iul, ’S ann an nis duinn a’s leir Gu bheil mis’ is tu fein air chul. ’Reir do chomais thoir sgeul On ’s fear-comuinn mi-fein is tu; ’N robh do mhuinntireas buan Aig an dream sin d’an dual an Dun? ’S fiosrach mis’ air gach am, ’S mu gach aon diu a bh’ ann o thos. Càit am faicteadh air chuairt Ceanna-cinnidh ’thug fuath cho mor Do dh-fhaoin mhorchuis nan Gall? ’S gun an sporan ’bhi gann de dh-or. Tighearnan Eilg’ is Chlar-Sgith Cha bu bhacadh dhaibh diobhail stoir. Bho linn nan linntean bha mi ’S mi mar aon duin’ a thamh sa chùirt, ’S theireadh iomadh Mac-Leoid Nach robh uireasbhuidh eolais duinn; Ach cha’n fhaca mi riamh, Gun taoitear, gun triath an Dun, ’S e na ’fhasach gun fheum, Gus na slaithean so fein bho thus. AM BARD.—Bhon a thainig ort aois Tha ri radh gur a baoth do ghloir; Cha’n e fàsach a th’ ann, Ged e tha e ’san am gun lòd Is air taoitear ’s beag fheum, ’S og thighearna fein ’na lorg, ’S e ri ’fhaotuinn gun fheall ’Cur ri baoithe an ceann luchd chleoc. ’S ionnan sin ’s mer a tha Cuid de dh-uachdarain ard an iugh, Bho nach léir dhaibh an call Meud an deidh air cuirt Ghall cha sguir, Gus an déid iad do ’n Fhraing, S gur a soilleir ri am a bhuil; Bidh droch ghalar gan cnàmh, ’S theid an storas a ’n laimh na ’shruth. ’Nuair a theid e gu blar Air each cruitheach a’s gairmhor srann, Diallaid làsdail fo ’mhas, ’S mor gum b’ fheard e srian oir ’na cheann. Fichead gini cha’n-fhiach, Gun deid sud a chur sios an geall; Cha deid bonn dheth ’am feum, Is cha’n-fhaighear e ’n deidh a chall. Nuair a thig e bho ’n reis Theid e ’dh-iomairt le beisd air glac; ’S mur dig lamh ’sam bi feum Gun caill e an leum gu grad Mi ’s iad disnein a mhiann Bheir e thairis h-aon-diag mu seach; ’S ged a chaill e coig ciad, Fire, faire, ’s beag fhiach am mairt. Theid coig coigean de ’n or ’Thoirt gu faoin airson cord do ’n aid; ’S urad eil’ oirre fein, ’S math na’bharail a feum gu spaid; ’S a ghrabhat a’s glan li Theid punnd Sasunnach innt’ gun stad; Ach ’s beag sud as a mhàl, Theid a chunntadh air clar gu grad. Theid luach mairt no na ’s mo An da stocain de ’n t-seors’ a ’s fearr; Sud na gartain a suas ’S paidhir thasdan de luach nam bàrr. Ducait diuca no ’n corr Theid a chur ann sa bhroig ’bhuinn aird, ’S clachan crios tal ’s math snuadh Ann an bucaill mu ’n cuairt le stràic. Theid e staigh ann am buth ’S chi e fasan as ur bho’n Fhraing; ’N t-aodach gasda ’bha ’n dé Air a phearsa le speis neo-ghann Theid a thilgeadh an cuil;— “Fasan dona, cha n-fhin e plang.” Air mal baile no dha Bidh a pheann is a lamh ri bainn. Bidh a pheidse gun mheas Mur bi eideadh am fasan chaich; Ged bhiodh e gini an t-slat Gheibhear uil’ e air mart no dha. Casag riomhach gun sgòd Theid a cheannach do dh-og an àigh, ’S briogais bhelbheit bhuig bhriagh ’Bhios a ruigheachd a sios gu ’shail. Cha bhi pheids’ ann am pris Is e fhathasd a dhith a chloc; Cealltair olla cha ’n fhiach, ’S cuis fhanaid cloth liath mu ’n og, Aodach riomhach o ’n bhath, Le crois airgid, luach chruintean oir, Feumar sin ’fhaotuinn dha;— “Tilgidh m ’fhearann dhomh mal na ’s mo’, (Ri leantuinn.) Cha chreid an oig gun tig an aois; cha chreid an aois gun tig am bàs. Is fearr an t-olc eòlach na’n t-olc aineolach. LEMEN BROTHERS’ WORLD’S MONSTER SHOWS. 3 RING CIRCUS, 5 CONTINENT MENAGERIE, TRAINED ANIMAL EXHIBITION, REAL ROMAN HIPPODROME, FREE HORSE FAIR. SURELY COMING AND POSITIVELY EXHIBIT —AT— SYDNEY, on SATURDAY, JULY 14. [Dealbh] THE MIGHTY BOVALAPUS, The rarest, strangest, awfullest of all the mighty monsters of the great deep. RAJAH, The biggest brute on earth, a towering giant. The very lord of beasts. Taller, longer, weighs more, cost more than any elephant ever captured. Bigger than the famous Jumbo. CAPT. SANTIAGO, HIGH DIVER, The world’s highest diver; actually flings himself backward from the highest point ever dived from. LITTLE EDNA, The girl wonder. The only lady turning forward and backward somersaults on a bareback horse. A challenge of $10,000 to any one who can produce her equal. RACING STEERS—A GREAT NOVELTY. 100 EXALTED CIRCUS CHAMPIONS IN 150 SUPREME ACTS. Completest, Largest, Greatest WORLD’S MENAGERIES. KITTIE KRUGER, The only lady 4- and 6- horse rider in the world. Whole droves and herds of Animals, Giant Camel, Long Maned and Tailed Horse. Baby Hippopotamus, Baby Lions, Serpents and Birds. A Grand Free Street Parade Every Entry Day at 10 o’clock A. M. High Dive, 10.30 a. m. and 6.30 p. m. EXCURSIONS ON ALL RAILROADS. ALL TENTS WATERPROOF. Doors open at 1 and 7 P. M. Performances at 2 and 8 P. M. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TAALA. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 17] [Vol. 9. No. 3. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 20, 1900. No. 3. BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. I. STAID NAN GAEL AGUS NA GAELDACHD ROI’ BHLIADHNA THEARLAICH. Mu’n cheart àm anns an tainig am Prionnsa do dh’ Albainn bha na Gàeil gu ìre bhig na’n gnàths mar na priomh aithrichean, gach fine nan treubhan air leth; agus gach ceann-cinidh mar rìgh a raighladh thar a luchd-leanmhuinn féin. Bha iad a’ beathachadh, mar bu tric, air sealg, agus fiadhach nam beann, tacar na fairge, bliochd, agus buannachd eile na spréidhe maille ri beagan arain, oir cha robh am buntàta mu’n àm sin air sgaoileadh nam measg. Bha iad a’ cur seachad a chuid bu mhò dheth an ùin’ ri fearra-ghniomhan fearail agus abhachdail, a togail chreach agus a’ leantainn na tòire, agus ri caonnagan fuilteach eile. Air an aobhar sin bha iad air am fòghlum eadar shean agus òg ann an arm-chleas a chlaidheimh agus na sgéithe, ullamh gu dhol sios do’n teugbhail, agus an ursannan-catha a leantainn cho luath ’sa chluinneadh iad fuaim na cathghairm, no chitheadh iad an crann-tàra. Mheal iad mar sin an sean nòs dùchasach bho chiad linntean euchdach an sinnsir gu latha Chuil-Fhodair, ach on uair sin faodair a ràdh ’gu’m beil “na Gàeil ’s an cinn fo fhliodh!” Cha robh na Gàeil ma Bhliadhna Thearlaich cho mi-thùrail ’sa bha luchd-àitichidh na machrach, (no mar their sinn na Goill,) a cur as an leth: bha iadsan an dùil nach robh annta ach daoine sìmplidh neo gheur-chùiseach, laidir, ain-eolach, gun aon ghnàths math. Air an làimh eile bha na Gàeil ag amharc le dì-meas nach bu lugha air na machraich. Creutairean dìblidh gun mhisneach, gun fhulang fuachda no teas, acras no padhadh, neo-chomasach air an cuid a thoirt a cruadal air muir, no air tìr. Bha gach seòrsa ceairde, mar an ceudna, air am meas suarach leis na Gàeil, air sgàth nan Gall on deach an ealdhain ionnsachadh; ach bha iad so do gnà ann am miadh, mar thuirt a mhaighdean, “Cha b’e ’n ceard a dheanadh an spàin mo roghainn de dh’ fhearaibh, ach an saor a chumadh agus a dh’ fhuaigheadh am bàt, an clachair a thogadh an tùr agus an gobha a liobhadh an claidheamh.” Uime sin cha robh tailear, greusaich, no breabadair ach aineamh r’a faotainn ann am neasg nan Gàel ach cioramaich agus daoine bacach: agus cha’n fhaoidte duine dhe an luchd-cèirde sin a luaidh am measg mhaithean no uaislean, gun a chùis a “chuir an cead na bhiodh sa’n làthair”—ann am briathran mar so:—“Tailear le’r cead,—Breabadair le cead na ciudeachd.” Bha cuirm uair aig Ailean Mac Ruairidh anns a Chaisteal-Thioram, agus cha’n fhaodadh fear-ceairde dol air aon chor, air sgàth a chomuinn, dlù do’n chlàr; a thaobh gum bu tàire le treun mhìlidh nan cath a h-aon de’n bhuidhean fheumail, ach dhìblidh so, suidhe r’a ghualainn; air an aobhar sin chaidh bòrd iosal a dheanabh dhaibh féin aig iomal na cuideachd. Tha earrann de’n duan a bh’aig gille-bùird Ailein Mhic Ruairidh, an àm dha bhi ga’n cur na’n suidhe, fathast air chuimhn’ air feadh nan Garbh-chrioch; a toiseachadh mar so:—“Dean suidhe ’Thailear, dean suidhe ’Thuairnear, suidheadh gach fear mar a’s deise, agus suidh thusa a Chèaird an dàimh an Leisdear.” Bha na Gàel anns gach linn nan gaisgeich chruadalach, bhuan-leantalach, neo-ghealtach, ri uchd gàbhaidh; agus is iomadaidh cumasg fhuileachdach anns an tug iad buaidh, an uair a bhiodh triùir nàimhdean ma choinneamh gach aoin diù. Nì mi ann so na blàir ma dheireadh, anns na dhearbh iad an diùghlanas agus an gaisge roi Bhliadhna Thearlaich, a chur sios mas téid mi ni’s faid’ air m’ aghaidh le Eachdraidh a mhòrachd, a thaobh gur ann fo bhratach a riomhaithrichean a chog iad cho rioghail, cho duchasach, agus cho dìleas. Ann sa bhliadhna 1645 chuir iad latha Chill-Saoidh an aghaidh Righ Shasuinn, ann an aobhar Sheumais an III. Rìgh Alba. Agus mu thuaiream leth-chiad bliadhn’ an deigh sin dh’ éirich iad le “Cleubhars uaibreach nan each,” no mar their cuid eile “Tighearna Bhaile-nan-Seamrag,” ann an aobhar a mhic do’n goireadh iad fein am Prionns’ og.* Anns ’a bliadhna 1715 bha na Gàeil cho ullamh sa b’ àbhaist daibh gu eiridh suas a chum a choir a chumail ri Rìgh Seumas an aghaidh Rìgh Shasuinn. Air a bhliadhna sin sheas Iarla Bharr air an ceann; agus ghluais e gu deas ann an coinneamh nan nàimhdean, le teachd naoi mìle fear. Air di-haoine, an dara latha deug de’n gheamhradh, chuala Iain Ruadh nan cath† a bha na cheann air an arm-dhearg, gu’n robh Iarla-Bharr a’ tighinn na chodhail le feachd lionmhor a chum e-féin agus dhaoine a sgrios, a bha mu’n àm na’n laidhe ann am Peairt. Uime sin ghluais e’n coinneamh nan Gàel, agus air di-sathurn thainig an dà armailt ann am fradharc a chéile, ma thuiteam na h-oidhche bha iad nan dithis air Sliabh an-t-Siorraimh; ma thuaiream mìle an ear-thuath air Dun-Blaithean ann an Siorramachd Pheairt. Laidh an dà armailt air an t-sliabh rè na h-òidhche ach cha b’e cadal a rinn cuid dheth na Gàeil. Thoisich iad air geurachadh an cuid claidhmhean, agus tha claisean a chaith iad ann an trì clachan mòra air an t-sliabh ri fhaicinn gus an latha ’n diugh. Thòisich an cath air madainn dì-dòmhnaich, agus chuir Iain Ruadh a mharc-shluadh a mach air boglach a reodh re na h-òidhche, ach sheas na Gàeil rompa chum an cumail air an ais, agus cha mhòr nach do leir-sgrios iad gu làr cuideachd na laimhe clìthe de’n arm-dhearg, ag iomain na bha beò dhiù a mach air Abhainn Athlain; a ta ma thuaiream dà mhìle bho’n t-Sliabh. An sin bhrùchd na Gàeil gu leir le leathad, a los còmhrag mar bu nòs d’an sinnsir, le sgiath a’s claidheamh, mar rinn iad gu buadhar latha Chill-Saoidh a’s Chille-Chragaidh. Thuirt seann duine bha coimhead a bhlàir gun do sguab na Gàeil làmh dheas an airm-dheirg rompa, mar dh’iomaineas onfadh nan tonn clachan min’ a mhoil na lùib! Mharbhadh Mac-Ic-Ailein, no Tighearna Chloinn Raonaill, le peileir gunna chaoil, “ann an toiseach an latha dol sios.” Bha’n t-uasal treun sin air ceann Chlann-Dòmhnuill, agus shaoil na naimhdean, na’n cuireadh iad e-san ri talamh gu’n rachadh a shluadh gu gealtachd, ach cha b’ann mar sin a chaidh do shiol Chuinn; “Chaidh iad an dàil nan eascairdean mar thairbh gun sgàth.” Thòisich cuid dhiu ri tuireadh os ceann Mhic-’Ic-Ailein; ach air do Thighearn òg Ghlinne-Garaidh an aire thoirt dhaibh ri cumha, labhair e riu mar so:—“Togaibh dheth Fhearabh; ‘Is olc an slacan na deuraibh:’ an latha màireach air son tuireadh, ach an diugh air son tòrachd!” Air cluinntinn sin do ga gaisgeich leum iad sios do’n mhire-chath a’ deanamh léir-sgrios uabhasach air laimh chlì an airm dheirg; agus cho liugha dheth na Sasunnaich ’sa sheachainn faobhar a’ chlaidheimh theich iad air falbh le’m beatha do Shruidhleadh. Cha ’n fhurasd innseadh le dearbhachd cheart co choisinn latha Sliabh an t-Siorraimh, thagair gach taobh còir na buaidh-làraich, agus thog gach taobh iolach na buaidh-chaithream. Co-dhiù, chum Iain Ruadh uan Cath a làrach féin, maille ris a bheagan Chaimbeulach a bha còmhla ris, agus ghabh e séilbh air gunnaidhean mòra agus treathlaich eile dh’ fhàg cuid de na Gàeil a theich, as an déigh air an t-Sliabh. Thaisbean Iain Ruadh mòran daontachd, gaisg’, agus fearlais air an latha so. Ged a thuit iomadh dheth fhìr naimdean mì-ruineach fo mheachainn cha do dhiol e olc air son uilc do dh’aon dhiù. Tha buaidh nan gaisgeach do ghnà tròcaireach, gun uaill, am feadh a tha buaidh nan gealtairean uaibhreach agus gun iochd. Ghlac Iain Ruadh nan Cath, ma dheireadh an latha, trì buillean claidheimh air a thargaid a bha h-aon de a chuid trùpairean Sasunnach féin a cuimseachadh le rùin bàis ri Gàel tapaidh a thuit, ach gidheadh, leis nach bu diù géilleadh, no tròcair aslachadh air a nàmhaid! Ma mheadhon mìos deireannach a gheamhraidh, an ath bhliadhna, thainig Rìgh Seumas féin air tìr ann an Ceanna-Phàduig an Siorramachd Obaireadhain agus ràinig e far an robh Iarla-Bharr ann am baile Pheairt. Thug na Gàeil mu’n àm sin ionnsuidh air a chrùnadh ann an seana lùchairt Sgoinne an ionad rioghail anns am b’ àbhaist rìghrean Albainn a chrunadh bho shean. Am feadh a bha iad a’ deanamh gach ullachadh a chum na crìche sin, thainig Iain Ruadh nan Cath le feachd Righ Shasuìnn gle dhlù dhaibh agus b’ eiginn daibh teicheadh. Bha Uìsge-Thatha mu’n àm sin air reodhadh, mar bha’n sealbh an dàn do na Gàeil agus fhuair iad a null thar an deigh,agus theich iad ’nan tri buidhnean gu long-phortaibh eugsamhail shiorramachd Obaireadhain. Bu cho luath a choisich na Gàeil air an ruaig so, is nach d’ fhuair na naimhdean a bh’air an tòir aon sealladh dhiu gus an d’ rainig iad Munrois, far an do ghabh Iarla-Bharr, agus am Prionns’ òg long anns an do sheòl iad tharais: ach chaidh gach [TD 18] [Vol. 9. No. 3. p. 2] duin’ uasal Machrach, no Gallda, a bh’air am feachd, a cheapadh agus cuid dhiu a chuir gu bàs, ach thàr na h-uaislean Gàelach agus an luchd-leanmhuinn as a chum nam beann gun challdachd sam bith fhulang. Bho ’n àm sin a nios gu bliadhna Thearlaich, “cha do chaidil an t uabhas” a dhùisg na Gàeil ann am broilleach Rìgh Deòrsa; uime sin dh’ fheuch pàrlamaid Shasuinn ri “faobhar nan Gàel tapaidh a mhaoladh,” agus an cumail fo mhùiseag gu tur, agus a chum sin a dheanamh, thog iad trì daighnichean (no Gearasdanan) ann an Siorramachd Inbheirneis, aon ann an Cille-Chuimean aig ceanna deas Loch-neis, agus aon eil’ ann an Lochabar fagus do sheana Chaisteal dubh Inbheir-Lòchaidh. Shuidhich a Pharlamaid, mar an ceudn’ Achd na Gàeil a dhì-armadh; an claidmhean, an gunnaidhean, agus am biodagan, a bhi air an liubhairt, no air an toirt suas, air latha àraidh, do cheannard an daighneich bu dluithe dhaibh!! Thug na Fineachan Gàelach gu léir dùbhlan do’n Achd sin ach iad so a mhàin,—Dùimhnich Earra-Ghàel, Rothaich Rois, na Cataich, agus Clann-Aoidh Shrath-Nàbhair. Mu’n àm sin sgrìobh na h-urraid dheth na Fineachan Gàelach eile litrichean brosnachaidh a dh’ionnsaidh Righ Seumas a ghabh dian mar fhògarach anns an Eadailt, e thighinn gun chàird thar chuan le feachd laidir a chum a’ chuing Shasunnach a thogail bharr am muinneil, agus a chòir rioghàil, dhligheach, a chosnadh dha féin. “Tha mise fo mhulad ’s fo bhròn, ’S a’ chaoidh ri m’ bheò bi’dh mise mar sin! Cuaille math bat ann am dhòrn ’S nach fear gun tròir no gliogair mi: On chaidh an Righ uaìnn air sàil’ Cha bhi sinn slàn mar tig e sinn, Oir bithidh ar cuid ga n-ar dith, ’S ar cinn ma chitir biodag oirn’!” B’ann mar so a bha rùn a chuid bu mhò do na Gàeil mu’n cheart àm a thàinig am Prionns’ air tìr ann am Mùirdeart (sa’ bliadhna 1745.) Bha iad, co-dhiù, bho linn gu linn, dìleas do’n teaglaich dhligheich Albannaich, agus chunnaic iad mar fhiachan orra féin mar dhùchasaich, gach fàilean de’n mheacan rìoghail sin a leanmhuinn tre gach cunnart agus géibhinn, a chum an còir a sheasamh agus an dion bho’n nàimhdean. Mu’n àm sin b’e barail nan Galla-bhodach Machrach nach robh anns na Gàeil ach daoine borba, a bha caitheamh am beatha mar chinnich fhiata, cheud linntean an dorchadais, gun creideamh, gun cheartas, gun nàire, gun athadh, leis bu cho math “cromadh ann an cuid an coimheirsneich ri’n cuid féin.” Cha b’urrainn iad, co-dhiù, smaointinn b’a mhearachdaiche no iad sud altrum. Cha robh sluagh mu’n àm air thalamh cho fiùghantach agus cho macanta ris na Gàeil: agus cha’n fhaighte saighdearan n’a bu mhisneachaile na iad anns an Roinn-Eorpa, no theagamh an àite sam bith air domhainn. Bha iad math air sloinneadh, agus èolach air seanachas an dùthcha, agus euchdan an aithrichean, ni a bha séideadh suas an aignidhean a los gach fearra-ghnoimh treun a chuir an gniomh, chum agus gu’m fàgadh iad iomlan nan deigh, a chliù allail sin, a choisinn an sinnsir mar dhìleab bhuan d’an sliochd. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. III. AM FAINE ’CHAIDH A GHOID. Dh’ fheuch Màiri oirre an gùn, ach ’s gann a fhuair i a chuir di agus a phascadh seachad gu cùramach, ’n uair thainig a’ Bhan Iarl’ òg, air dhroch neul, aìr chrith agus an anail ’n a h-uchd, a stigh do ’n rùm. “’An ainm Dé, a Mhairi,” ghlaodh i, “ciod e ’rinn thu?” Cha ’n’ eil sgial air fàine daoimein mo mhathair! Cha deachaidh neach a stigh do ’n rùm ach thusa. O! thoir domh gu h-ealamh e ann a so, air neo bithidh e ’na ghnothuch truagh. Thoir seachad gu h-ealamh e, agus cha chluinnear dad tuilleadh m’ a dhéighinn.” Leis an eagal a ghabh Mairi, dh’ fhas neul a bhàis oirre. “Mo Dhia,” thubhairt, ise “ciod a’s ciall d’ a so! Cha ’n ’eil am fàine agam-sa; cha d’ rinn mi uidhir agus fhaicinn anns a’ rùm. Cha do ghluais mi far an spot air an robh mi na m’ sheasamh.” “’Mhairi,” ars’ a’ Bhan-Iarl’ a rithisd, “tha mi ’g achanaich ort, as leth an luach tha thu cuir air do chliù agus staid fhein, thu thoirt domh an fhàine. Cha ’n fhios duit ciod e fiach nan clachan luachmhoir a th’ ann. Chosg am faine mìle crun. Gun teagamh, cha d’ thugadh tu leat e na ’m biodh fios agad air a sin. Bha thu smaointeachadh nach robh ann ach ni gun fhiù. Thoir domh e, agus théid a chuis a leigeil seachad mar ghniomh amaideach a rinn an oige.” Thoisich Mairi ri gal. “Le fìrinn,” thuirt i, “cha ’n fhiosrach mi dad mu ’n fhàine. Cha b’ urrainn mi riamh sian le duin’ eile a shanntachadh, gun tighinn air a ghoid. Theagaisg m’ athair mi tuilleadh is math gu sian a thoirt bho neach sam bith. Aig an am so, thaing a h-athair a stigh do ’n rùm. Bha e ’g obair anns a’ gharadh, agus mhothaich e do ’n Bhan-Iarl’ a’ dol a stigh ann a leithid de chabhaig. ’Nuair a chual e ma ’n chùis, ghlaodh e a mach, “A Dhia ’th’anns na Flaitheas ciod e ’s ciall d’a so?” Leis cho trom ’s a thainig a’ chùis air, b’ fheudar dha a thaic a leigeil ris a’ bhord a bh’ anns a’ rùm, agus as deigh sin, suidhe sios air fùrm. “Mo leanabh,” thubhairt e, “Tha è ’na choire cho mòr an leithid so a dh’ fhàine a ghoid agus gure am bàs a’s peanas da. Ach ’s e sin a’ chuid a ’s lugha dheth. Cuimhnich air fàinte Dhe: ‘Na dean goid.’ Tha againn ri cunntas a thoirt seachad, ann an leithid sin do ghniomh, cha ’n ’ann amhain do dhaoine, ach cuideachd do Thighearna a’s cumhachdaiche—do Riaghladair na h-uile nì, a tha faicinn gu soilleir cridheachan gach aon, agus nach gabh cuir seachad le leth-sgeulan no briagan sam bith. Ma leig thu air diochuimhn’ Dia agus fhàinte bheannaichte, no mo chomhairlean-sa dhut an am a’ bhuairidh; ma leig thu le do shùilean a bhith air an dalladh le dears òir ’us clachan luachmhoir, agus leat fhein tuiteam anns a pheacadh sin, na dean breugan m’a dheighinn, aidich do chionta, agus till air ais am fàine. ’S e sin an aon doigh a’s fhearr an urrainn duit a chuis a leasachadh a mis.” Thoisich Mairi air caoineadh ’s air osnaich. “O, athair, gu firinneach, gu firinneach, cha ’n fhaca mis am fàine. Na faighinn-sa fàine, eadhon air an rathad, cha bhitheadh fois aig m’ inntinn gus an tillinn e a dh’ ionnsuidh an fhir leis am bu leis e. Gu firinneach, cha ’n ’eil e agam.” Labhair a h-athair a rithisd mar a leanas: “Seall fhein an créutair beannaichte so, a’ Bhan-Iarl’ Amelia, a thainig, tré a gaoil duit, gus do theasragain bho chrògan a cheartais; ise a bha cho math dhut agus a thug dhuit, ’s a mhionaid so, a leithid do thabhartas, cha bu choir gu’n ìnnseadh tu breug dhi. Ma tha am fàine agad, na ceil e; agus teasraigidh a’ Bhan-Isral, urramach so thu, le ’h-eadar ghuidhe, bho ’n pheanas a choisinn thu. Nis’ a’ Mhairi, bi treidhireach, agus na dean breug.” “Athair!” fhreagair Mairi, “tha fios agaibh fhein nach do ghoid mise riamh, ann an cùrsa mo bheatha, fiach aon fhàirdein. Cha d’ thug mi riamh fiù aon ubhal far craoibh coimhearsnaich, no lan-an-duirn do dh’ fhiar a pairce duin’ eile, gun tighinn air gnothuch cho fiachail so! ’Athair, creidimh mi, cha d’ innis mi breug dhuibh riamh fhathasd!” Thubhairt a h-athair, aon uair eile, “Seall, a Mhairi, air mo chiabhagan glasa! Na d’ thoir a nuas iad le bochdainn thun na h-uaighe! ’An ainm Dé, a dh’ ionnsaidh am beil duil agam a dhol an uine ghearr, agus nach fuilig breugadair ’n a ’rioghachd innis am beil am fàine agad? Tha mi ’g achanaich ort, as leth do dhuil ri saorsainn, an fhìrinn innse.” Thog Mairi a suilean déurach suas ri neamh, chuir i a lamhan an glacaibh a chéile, agus fhreagair i, “Tha fios aig Dia nach eil am fàine agam-sa. Cho cinnteach ’s a tha mo dhùil ri bhi sàbhailte, a cheart cho cinnteach sin cha ’n ’eil e agam.” “’Nise,” ars’ a h-athair, “tha mise, cuideachd, a creidsinn nach eil e agad. Cha ’n’ innseadh tu breug ann a’ lathair Dhe, ann an so air bheul thaobh na Ban-Iarl’ urramaich agus t’athair aosda Agus bho ’n a tha thu, mar a tha mise creidsinn gu daingean, neo-chiontach, tha mi nise riaraichte. Bi thusa mar sin cuideachd a Mhàiri, na biodh eagal agad ro ni sam bith. Cha ’n’ eil ach aon olc ’s an t-saoghal roimh ’n coir duinn eagal a bhith againn, agus ’s e sin am peacadh. Cha ’n’ eil anns a’ phriosan agus ns a’ bhas ach faoineis lamh ris. Ge b’e dé ’thig ’n ar rathad a nis, agus ged a threigeadh an sluagh uile sinn, agus ged a thionnndadh iad ’n ar n-aghaidh fhathasd bithidh Dia againn ’n a charaide, bheir Easan breath oirnn gu ceart, agus bheir E ar neo chiontas an uachdar luath no mall.” Shuath a Bhan-Iarl’ òg deur far a suil agus thuirt i, “’Nuair a chluinneas mi sibhse, ’dhaoine matha, a’ bruidhinn ’s an doigh so, tha mi ’lan chreidsinn nach eil am fàine agaibh; ach, air an laimhe eile, ’nuair a bheachd-smaointicheas mi air gach cùis, saoilidh mi nach gabh e ’bhith nach ann agaibh a tha e. “Tha fios aig mo mhathair a’ cheart aite air a’ bhord-sgeudachaidh air ’na chuir i am fàine gu curamach, tiota ma’n deach Mairi a stigh do’n rùm. Tha Mairi fhéin ’na fianuis nach deachaigh mise an còir a bhùird. Cha deach duin’ eile a stigh dha ’n t-seòmar. Bha Mairi leatha fhein ’s an rùm, ’nuair a bha mo mhathair a bruidhinn riumsa ’s an ath rùm: ’nuair a dh’ fhalbh sinne, ghlas mo mhathair an dorus, gus i fhein a sgeudachaìdh. ’Nuair a bha i ’n a h uidheam, sheall i airson an fhàine gus a chuir suas, ach cha robh sgial air! Rannsaich mo mhathair a sin, a’ seòmar uìle leatha fhéin. Cha d’ thubhairt i dad mu dheibhinn, agus cha do leig i h-aon dheth cuid daoine ’stigh, cha do leig eadhon mise, gus na rannsaich i an rùm a dha no tri ’dh’ uairean. Cha robh ann ach obair dhiomhain! Co aig’ a nise, a’s nrrainn am fàine a bhith?” “Cha ’n’ urrainn mi a thuigsinn,” thuirt an t-athair. “Chuir Dia deuchainn chruaidh ’gar n-ionnsaidh. “Ach ge b’e dé thig ruinn,” thuirt easan, le suil os a chionn, “seall ormsa, ’Thighearna, aig do chasan. Thoir domh do ghrasan. O mo Dhia, is pailteas sin dhomh.” “Le fìrinn, ’s ann le cridhe ro-throm tha mi tilleadh a dh’ ionnsaidh an tighe,” thuirt a Bhan-Iarl’ òg. “’S e latha-breith brònach a tha so dhòmhsa. Leis an toil a th’aig mo mhathair Mairi a theasraigin, cha d’ thug i guth air a so fhathasd ri duine ach riumsa. Ach cha ghabh e ceiltinn ni ’s fhaide. Feumaidh mo mhathair fàine a chosg an diugh. Tha duil againn ri m’athair as a’ bhaile-mhor mu mheadhon latha, agus ionndrainnidh e’ m fàine ’s a mhionaid. Thug e dhi e an latha rugadh mise. Bha i ’an dòchas gum bitheadh am fàine agamsa ’nuair a thlllinn.—Slan leibh,” thuirt Amelia, a rithisd. “Their mise gu firinneach gu bheil mi ’creidsinn gu ’m beil sibh neo-chiontach; ach an teid mo chreidsinn?” Dh’ fhag i ’rùm gu muladach agus deoir ’n a suilean. Bha ’n t-athair ’sa nighean fo leithid de dh’ ioghnadh agus nach b’ urrainn do h-aon seach aon guth a ghràthainn. [TD 19] [Vol. 9. No. 3. p. 3] Shuidh an t-athair sios, leag e cheann air a lamhan, sheall e gu h-iomaguineach air an talamh, agus ruith na deoir sios le ’ghruaidhean bana. Thuit Mairi sios aig a’ ghluinean, ag caoineadh; thog i suas a suilean ri aodann a h-athar, agus thubhairt i: “Gu firinneach, gu fìrinneach athair, tha mi gu tur neo-chiontach. Le firinn tha mi neo-chiontach.” Thog a h-athair a ceann, agus sheall e gu dian agus gu dealasach ’na suilean gorma agus thubhairt e: “Tha thusa ’Mhairi neo-chiontach. Cha b’ urrainn neach a bhitheadh ciontach sealltuinn cho fosgarra firinneach sin.” “O m’ athair,” ars Mairi, a rithisd, “ciod e ’chrioch a’s urrainn tigh’nn air a so! ciod e ’dh’ eireas duinne! Na ’n d’ thigeadh e uile gu leir mu mhullach mo chinn-sa chuirinn suas leis. Ach ’s e sibh-se a bhith co-phairteachadh ’n am thioblaidain-sa, cuis a’ s dorra leam.” Fhreagair a h-athair, “Earb á Dia, ’s na bi fo churam. Cha tuit fuiltean as ar ceann gun a thoil-san. Ge b’e dé ’thig ’n ar rathad, ’s ann bho Dhia a thig e, agus mar sin ’s ann gu ’r math fhéin a bhitheas e; agus ciod e’n còrr a bhios a dhith oirnn? Na leig leat fhéin, ma ta, a bhi fo iomaguin no geilt, agus lean daonan gu dlù ris an fhìrinn. Dh’ aon doigh ’g am faod neach ’s am bith bagairt ort, agus a dh’ aon rud ’gan abair iad riut, na rach thusa leud na ròineige o’n fhìrinn; agus na rach idir an aghaidh do choimhseas. Tha coimhseas math ’na dheagh chluasaig eadhon ’s a phrìosan.’ “Theid air dealachadh o cheile; cha ’n urrainn t-athair furtachadh ort na ’s fhaide, ’Mhairi bhochd! Cuir t’earbsa ni ’s treise ann an Athair nam Flaitheas. Esan, fear-dion cumhachdach nan neo-chiontach, cha ghabh toirt bhuat.” Aìg a’ cheart àm so chaidh an dorus fhosgladh gu cabhagach, agus thainig ard-bhàilidh no maor a bhaile, fear lagha agus beagan oifigeach a stigh do ’n t-seòmar. Leig Mairi ràn a mach, agus ghlac i a h-athair eadar a da laimh. “Dealachaibh iad,” thuirt am bailidh, agus a shuilean a’ lasadh le corruich. “Ceanglaibh a nighean agus thugaibh i do ’n phriosan. Biodh an t-athair cuideachd air a chuir an laimh, agus curam air a ghabhail dheth. Deanamh faire air an taigh agus air a’ gharadh, agus na leigibh le duine tighinn a stigh gus an rannsaich mise ’s am fear lagh’ an t-aite.” Sgar na h-oifigeich Mairi bho h-athair, agus cheangail iad i. Thuit i ann a’ neul, agus chaidh a’ slaodadh air falbh ’s an doigh sin. ’Nuair a chaidh an t-athair ’s an nighean a thoirt a mach a dh’ ionnsaidh an rathaid-mhòir, bha moran sluaigh a cheana air cruinneachadh. Bha naigheachd an fhàine, mar tha, air sgaoileadh feadh an aite. Bha sluagh a domhlachadh mu thigh beag a’ ghàradair bhig, ionnas mar gu ’m biodh e dol ’na theine. Bha sgeulachd uile air a h-innseadh. Ged a bha Iacob agus Mairi cho math do gach aon mu ’n cuairt, gidheadh bha feadhainn ’n am measg a bha,le sòlas farmadach, a’ tighinn a mach le briathran gle naimhdeil. Chionn gun a chum Iacob agus Mairi iad fhéin ann am meas le faicill agus caontachd, bha farmad aig mòran riutha. “Tha fios againn a nise,” theireadh iadsan, “co as bha an cothrom a’ tighinn. Cha b’ urrainn duinn a thuigsinn roimhe so. Ach gu fìrinneach tha e sealltuinn soilleir nach eil seol air tighinn ro ’n t-saoghal ni ’s fhearr ’na th’ aig daoine onarach eile. Ach bha truas mor aig a chuid bu mhomha de shluagh Ichburg de dh’ Iacob onarach agus d’a nighinn; agus thuirt iomadh athair ’us màthair ri cach a cheile; “O Dhia, ach mi-shealbh gach créutair talmhaidh! Tuitidh an neach a’s fhearr. Co a chreideadh e air na daoine matha so? Ach ma dh’ fhaodte nach eil a chùis mar so; agus bheir Dia an neo-chiontas an uachdar. Agus ma tha a chius mar so, cuiridh Dia an gnothuch ann an doigh ’s gum faic iad am mearachd, gun dean iad ni ’s fhearr, agus gun seachainn iad an truaighe ’tha nise ’maoidheadh tighinn m’an ceann. Gun deonaicheadh Dia le ’ghrasan air cumail o’n pheacadh, bho ’n nach eil neach tearuinte fad aon latha!” An sud ’s an so chiteadh clann an àite a’ caoineadh. “Ar creach,” ars iadsan, “nuair a theid an cuir ’s a’ phriosan, cha toir Iacob bochd dhuinn measan tuilleadh, agus cha toir Mairi laghach dhuinn an corr fhlùrs. Cha bu choir dhaibh an cur a stigh idir.” (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. XIV. Chaidh Saoudhaidh do ’n phriosan agus fichead seirbhiseach comhladh ris, a bha gus a ghnothaichean eucorach a chur an gniomh, agus thug iad leotha Nouredin, agus chuir iad air muin seann eich e gun diollaid na dad fodha. An uair a chunnaic Nouredin gu ’n robh e ann an lamhan a namhaid, thuirt e, “Tha lamh-an-uachdar agad orm a nis, agus tha thu ’mi-ghnathachadh na cumhachd a th’agad; ach tha mise ’creidsinn gu ’m bheil na briathran so a th’ ann an aon de na leabhraichean againn fior, ‘Tha thusa a’ toirt breith gu h-eucorach, ach ann an uine ghoirid bheirear breith ort fhein.’” Bha Saoudhaidh a’ deanamh buaidh-chaithream ’na chridhe, agus thuirt e, “A dhuine gun mhodh, an dana leat tamailt a thoirt dhomhsa? Ach bi falbh, cha ’n ’eil mi cur suim anns an tamailt a tha thu ’toirt dhomh. Tha mi coma ciod a dh’ eireas dhomh, o ’n a tha de thoileachadh agam d’ fhaicinn air do chur gu bas ann an lathair muinntir Bhalsora gu leir. Bu choir dhut cuimhneachadh ciod a tha sgriobhte ann an aon eile dhe na leabhraichean againn, ‘Nach coma do dhuine ged a chuirteadh gu bas e an la an deigh bas a namhaid?’” Bha Saoudhaidh cho lan de dh’ fhuath ’s de ghamhlus ’s a bha e riamh, agus thug e ordugh do chuid dhe na seirbhisich a bha maille ris falbh le Nouredin thun na luchairt. Dh’ fhalbh e fhein agus a’ chuid eile dhiubh thun na luchairt mar an ceudna. Bha ’n sluagh a’ maoidheadh a mharbhadh mar a bha e ’dol air aghart. Agus na ’n d’ thug aon neach ionnsuidh air, bha cach uile air a bhith ’n sas ann ’s a’ mhionaid gus a chlachadh. An uair a thugadh Nouredin a dh’ ionnsuidh an aite anns an robh e ri chur gu bas aig beulaobh na luchairt, mu choinneamh na h-uinneig a bh’ air seomar an righ, dh’ fhagadh e ann an lamhan an fhir a bha gus an ceann a thoirt dheth, agus chaidh Saoudhaidh a steach far an robh an righ ’na shuidhe, agus e gu toilichte ’feitheamh gus am faiceadh e Nouredin air a chur gu bas. Bha Nouredin air a chuartachadh le freiceadan an righ, agus le seirbhisich Shaoudhaidh; agua bha ’n diol aca ri dheanamh sluagh a’ bhaile a chumail o Nouredin a thoirt leotha le lamhachas-laidir. Chaidh am fear a bha gus a chur gu bas far an robh e, agus thuirt e ris, “Mo thighearna, tha dochas agam gu ’n toir thu mathanas dhomh; cha ’n ’eil annam ach seirbhiseach, agus feumaidh mi mo dhleasdanas a dheanamh. Mur ’eil feum agad air rud sam bith eile, tha mi guidhe ort thu fhein ullachadh air son a’ bhais; oir tha ’n righ a’ dol a thoirt ordugh dhomhsa an ceann a chur dhiot.” Sheall Nouredin truagh mu ’n cuairt dha, agus thuirt e, “Am bheil duine sam bith a lathair a tha cho iochd, mhor ’s gu ’n toir e dhomh deoch dhe ’n uisge?” Anns a’ mhionaid thugadh deoch dha. Thug Saoudhaidh an aire nach robh cabhag sam bith air an fhear a bha gus Nouredin a chur gn bas, agus ghlaodh e am mach troimh ’n uinneig, “Cuir an ceann dheth? C’ ar son a thu tha deanamh dail.” An uair a chuala an sluagh na briathran cruaidh-chridheadh so, thoisich iad ri mionnachadh s ri mollachadh aird an claiginn an aghaidh Shaoudhaidh. Cha robh an righ toilichte a chionn Saoudhaidh a bhith ’gabhail air fhein ordugh a thoirt seachad, agus dh’ iarr e air an fhear a bha ’dol a mharbhadh Nouredin dail a dheanamh. Ach bha aobhar eile aig an righ air son stad a chur air an obair. Thug e an aire aig an am gu ’n robh aireamh mhor de mharc-sluagh air tighinn a steach do’n bhaile ’nan cruaidh leum. “Ard-chomhairlich,” ars’ esan, “seall sid; ciod e ’s ciall dha na bheil an sid de mharc-shluagh?” Cha robh fhios aig Saoudhaidh ciod e thug am marc-shluagh do ’n bhaile, ach bha e sparradh an righ gus ordugh a thoirt seachad gun dail Nouredin a chur gu bas. Thuirt an righ nach cuirteadh gu bas e gus am faigheadh e am mach ciod a bha fa near do ’n mharc-sluagh. Co ’bh’ ann ach Giafar air cheann moran sluagh, agus e air tighinn a Bagdad le teachdaireachd o’ n righ. A chum gu ’n tuigear car son a thainig Giafar do Bhalsora, feumar a thoirt fa near, an deigh do Nouredin falbh a Bagdad le litir an righ, gu ’n do leig an righ gu buileach an gnothach air dichuimhn fad aireamh laithean, agus mar sin nach do chuir e air falbh ’na dheigh gu ruige Balsora an t-ordugh rioghail mar a gheall e do Bhean na Maise. Thachair dha air latha araidh a bhith ann an seomar a bha faisge air seomar nam mnathan, agus an uair a bha e ’dol seachad air fear dhe na dorsan, chual’ e fuaim gutha a bha gle thlachdmhor. Sheas e tiotadh a dh’ eisedeachd a’ ghutha, agus an uair a chual’ e gur ann ag ionndrainn neach a bha air falbh a bha i, ghrad dh’ fheoraich e dhe ’n oifigeach a bha comhladh ris, ciod am boirionnach a bh’ ann. Thuirt an t-oifigeach ris, gu ’m b’ e sid an searbhanta a bh’ aig an duin’ uasal og a chuir e air falbh gu ruige Balsora gus a bhith ’na righ an aite Shinebi. “Ah! a Nouredin bhochd,” ars an righ, “leig mi as mo chuimhne gu buileach thu. Greas ort,” ars’ esan ris an oifigeach, “agus abair ri Giafar tighinn far am bheil mi gun dail.” An uair a thainig Giafar, thuirt an righ ris, “Gus a so dhichuimhuich mi an t-ordugh rioghail a bha gus a dhaingneachadh mar righ air Balsora a chur gu Nouredin. Ach cha ’n ’eil uine againn a nis gus an t-ordugh a sgriobhadh. Air an aobhar sin bi thusa ’falbh cho luath ’s a rinn thu riamh gu uige Balsora, agus thoir leat aireamh mhath sheirbhiseach. Ma chuireadh Nouredin gu bas, bheir thu ordugh Saoudhaidh a ghrad chrochadh. Ach mu tha e beo, bheir thu an so e fhein agus an righ, agus an t-ard-chomhairleach.” Gun dail sam bith dh’ fhalbh Giafar agus aireamh mhath de mharc-shluagh ’na chuideachd gu ruige Balsoro, far an d’ rainig iad anns an doigh agus aig an am a dh’ ainmicheadh. Cho luath ’s a rainig iad an luchairt, sgap an sluagh, agus leig iad leotha a dhol a steach thun an doruis, agus ghlaodh iad uile, “Tha mathanas air tighinn gu Nouredin.” Dh’ aithnich righ Bhalsora gu ’m b’ e Giafar, ard-chomhairleach righ Bhagdad, a bha air cheann a’ mharc- [TD 20] [Vol. 9. No. 3. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am. litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, IULAIDH 20, 1900. Tha iomguin mhor air feadh an t-saoghail a thaobh cùisean ann an China. Ged nach urrainnear gach sgeul a tha tighinn e chreidsinn, tha e ro-choltach gu robh àireamh mhor de na h-Eorpaich a bh’ ann am Pekin air am mort. Tha na Sineich nan daoine cho borb agus cho cealgach ’s gu bheil e ’na ni uamhasach a bhi cogadh riutha. Cha chum iad ri riaghailt iochdmhor sam bith ris an cum muinntir rioghachdan eile. Cha ’n fhoghainn leotha namhaid a chisneachadh no dheanamh ’na phriosanach; feumaidh iad a chur gu bàs air dòigh cho cràiteach ’s cho oillteil ’s is urrainn dhaibh a dhealbh. Faodar so a thuigsinn o’n doigh a ghabh iad gu cur as do ard-fhear-ionaid Ruisia ann am Pekin. Chaidh esan, ma’s fior an sgeul a thainig, a shlaodadh air feadh sràidean a bhaile leis na Boxers, ’s an sluagh ’ga lot ’s ga phianadh cho mor ’s a b’ urrainn daibh; chaidh an deigh sin a thilgeadh ann an coire mor de dh’ uisge goileach, agus an deigh am bàs uamhasach sin fhulang, chaidh a chorp a thilgeadh dh’ ionnsuidh nan con. Chuireadh blàr ris na Boxers faisg air Pekin air an t-seachdain s ’a chaidh, anns am b’ fheudar do ’n arm Eorpach teicheadh, agus tha e air a radh, mu’n d’ fhàg na saighdearan Breatunnach, an làrach gu’n do thilg iad an companaich a bha air an leònadh, ’s nach b’ urrainn falbh leotha. Rinn iad so air iarrtus nan daoine leòinte fhéin, leis am b’ fhearr a bhi air an cur gu bàs gu h-ealamh le’n companaich fhéin na bhi air an cur gu bàs dòruinneach fadalach leis na Sineich. Thainig sgeul thaitneach á baile beag ann an stàid New Jersey anns am bheil cuideachd làidir a’ cur air adhart obair-ghlaine anns am bheil àireamh cheudan de dhaoine ’s de ghillean ag obair. Toiseach an t-samhraidh so, sheas mu cheud de na gillean a bha ’s an obair a mach, agus bha an luchd-obrach eile cho mor ’nan eisiomail ’s gu’n do sguir an obair gu h-iomlan. ’Se b’ aobhar do na gillean a dhol am mach gu robh each anns an obair nach robh a’ faotainn ceartais. An deigh dha bhi ’san acuinn fad an latha bhatar ’ga chur an greim a rithist aig seachd uairean ’s ’ga obrachadh gu meadhon-oidhche. Thug na gillean rabhadh do’n chuideachd gu’n rachadh iad air strike mur faigheadh an t-each bochd a cheartas fhéin. An ath oidhche chaidh air t-each a chur a dh’ obair mar a b’ àbhaist, agus cho luath ’sa chunnaic na gillean sin, chaidh iad am mach. Cha b’ urrainn an obair a dhol air adhart os an aonais; chaidh a dunadh suas gu h-iomlan agus cha do thoisich i rithist gus an d’ fhuair na gillean dearbhadh nach biodh aig an each ri obrachach latha sam bith ach an aon chùnntas uairean riutha fhéin. Bha righ no “Shah” Phersia air chuairt ann am Breatunn air an t-samhradh so, agus chuireadh urram mor air leis an teaghlach rioghail ’s le uaislean nan tri rioghachdan. Tha Persia an diugh comharraichte mar rioghachd anns nach eil aon inneal clo-bhualaidh ri fhaotainn. Tha litreachas na dùthcha air a chumail suas, agus leabhraichean air an deanamh mar o shean, le sgriobhaichean. Mu thoiseach na linne so, chaidh inneal clo-bhualaidh a chur air obair ann an Tabris, ach cha robh i fad ann an uair a b’ fheudar a cur ’na tamh. Tha sgriobhadh nam Persianach eadar-dhealaichte o’n sgriobhadh againne, agus cha ’n eil meas sam bith aca air leabhar clo-bhuailte; tha na sreathan tuilleadh us direach agus na litrichean tuilleadh us sgiobalta air son a bhi maiseach ’nan sùilean-san Tha iad cho measail air duine ni deagh sgriobhadh ’sa tha sinne air duine tha math air deanamh dhealbh. Chuir àireamh mhor de bhuill na h-ard-phàrlamaid tagradh air beulaobh an riaghlaidh, ag iarraidh, o’n bha a phàrlamaid ’na suidhe cho fada, gu’m biodh $1500 air a thoirt dhaibh mar thuarasdal, an àite $1000. Ach cha’n aontaicheadh Sir Wilfrid Laurier ri sin idir, agus feumaidh iad deanamh leis na tha iad a’ faotainn. Mur biodh moran de bhuill na parlamaid cho fior bhruidhneach ’sa tha iad, dh’ fhaodadh iad a bhi m’a sgaoil o chionn fhada; agus ma ’se an toil moran time chur seachad a cònsachadh mu nithean gun fheum, deanadh iad air an cosg fhéin e, ’s na b’ ann air cosg na dùthcha. Cha ’n eil na Breatunnaich fhath-cuibhteas na Bonréich. Di-haoine s’a chaidh, ghlac iad Nitral’s Nek a bha air a ghearasdanachadh le buidhean no dha de shaighdearan Breatunnach. Mheall iad na Breatunnaich le deiseachan Khaki a chur umpa. Chaidh àireamh mhor a mharbhadh. Thatar ag radh nach seasadh na Boerich a mach na b’ fhaide mur b’e Steyn, gu bheil Cruger deònach rtriochdadh, ach nach leig ùteyn leis si n a dheanamh. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29, 1900 1yr A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 21] [Vol. 9. No. 3. p. 5] NAIGHEACHDAN. Sgaoil parlamaid Chanada air an t-seachdain so. Cha robh i riamh roimhe ’na suidhe cho fada ’sa bha i air an turus so. Cha ’n eil an strike a bh’ ann am Belle Isle thairis fhathast Chaidh buidheann eile de mhaoir a chur ann a St. John’s toiseach na seachdain s’a chaidh. Dhe’n cheud bhuidhinn a chuir Canada do Africa mu Dheas cha’n eil an diugh air chomas cogaidh ach mu thri cheud gu leth. Tha dlùth air ochd ceud dhiubh ’nan laidhe tinn le fiabhrus. O’n thoisich uisge air sileadh, tha adhartas mor air tighinn air an fheur ’s air gach seòrsa barra. Ma leanas an t-side mar a tha i gu toiseach an fhoghair, bidh am feur faisg air a bhi cho math ’sa b’ àbhaist dha bhith. Bha fear d’ am b’ ainm Lehivre, ann an St. Jacques, Cuebec, ag iarraidh bantraich d’ am b’ ainm Chouinard r’a pòsadh. Nuair a dhiùlt i a ghabhail, thug e mach daga ’s loisg e air fhèin ’na làthair, a cur crioch air a bheatha. Tha moran a bàsachadh ann am Bombay gach seachdain leis a’ cholera. Tha a ghort anns na h-Innsean anabarrach trom fhathast; tha còrr us sia muilleinean dhe’n t-sluagh a faotainn bidh o riaghladh na dùthcha ’s o mhuinntir eile. Chaidh an Coirneal Otter, ceannard na ceud reisimeid Chanadach a chaidh do’n Transvaal, a leònadh ann an aon de na blair o chionn beagan us mios. Chaidh peilear troimh ’n amhaich aige, agus chaidh e gle fhaisg air lot bàsmhor a thoirt dha. Tha na Geancaich a bruidhinn air sligh’-uisge ’chladhach eadar na lochan mora agus acarsaid New York. Bidh troigh air fhichead de dhoimhneachd uisg’ ann, agus cosgaidh e da cheud us sia muillein dolair mu’n urrainn soitheach falbh air. Cha dean an t-òl ach am fear a dh’ fhaodas. Bha moran òil a’ dol air adhart ’sa bhaile oidhche Di-satharna s’a chaidh, agus bha e doirbh gu leòr do na maoir rian a chumail air luchd na daoraich. Mur cuir am baile àireamh nan tighean-oil an lughad, feumaidh iad an ùine ghoirid àireamh nam maor a chur am meud. Tha na gàraidhean-meas air feadh Nobha Scotia gle ghealltunnach air an t-samhradh so. Tha adhartas math air gach seòrsa, agus tha an t-side gle fhabharrach Tha gàradairean a tha ris an obair o chionn moran bhliadhnaichean am barail gu’m bi bàrr na bliadhna so na’s truime na aon a chunnaic iad riamh. Dh’ aontaich tigh nan cumantach leis an riaghladh gu’n bu chòir a phostachd a tha air na paipearan naigheachd isleachadh o leth sent am punnd gu ochdamh cuid sent. Ach air do’n bhill a bha air son so a thoirt mu’n cuairt a dhol do’n t-Seanadh, thilg uaislean an taighe sin a mach e. Tha mar sin uallach nam paipearan naigheachd cho trom ’sa bha e roimhe. Chaidh Innseanach d’ am b’ ainm Newell Paul a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air Truro air an t-seachdain s’a chaidh. Bha ’n daorach air, agus chaidh an carbad thairis air, a’ gearradh ’sa milleadh a chuirp gu h-uamhasach. Tha an lagh gle chruaidh an aghaidh a bhi creic stuth làidir ris na h-Innseanaich, ach thathas ga dheanamh a h-uile latha, agus cha’n e Truro an aon bhaile a tha ’ga cheadachadh. Tha e air a radh gu bheil Breatunn ag ullachadh da fhichead mile saighdear air son an cur gu ruige China, far an cuirear feum orra, a reir gach coltais, an ùine ghoirid. Tha na saighdearan sin ri bhi air an tarruinn á Africa Deas, Breatunn agus na h-Innsean. Ma thig an gnothuch cruaidh air Breatunn anns an aird an ear theid aice air da cheud gu leth mile saighdear a thogail anns na h-Innsean. Tha na Filipinos an dràsda tairgse do na Staidean sgur dhe ’n chogadh ma bheirear fein-riaghladh dhaibh. Tha iad mar an ceudna deònach an t-suim a phaigh na Stàidean do’n Spainn air son nan eileanan—$20,000,000—a phaigheadh air ais dhaibh. Cha ’n eil moran de na Geancaich deònach na cumhachan sin a ghabhail, agus tha e coltach gu feum an cogadh leantuinn gus an toir an darna taobh buaidh. Thachair iomadh droch sgiorradh air feadh nan Staidean air a cheathramh latha dhe’n mhios so, latha tha na Geancaich a cumail gach bliadhna mar chuimhne air saoradh an duthcha o uachdaranachd Bhreatunn. Leis gach spraidheadh fùdair, obair-theine, ’s gleadhraich eile leis an robh iad a’ cur an céill an gàirdeachais ’s an gràdh-dùthcha, chaidh deich air fhichead a mharbhadh, agus fhuair còrr us tri cheud deug droch leònadh. Chaochail ceann-feadhn’ Innseanach ann an California, o chionn ghoirid, a tha ceud tri bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. B’ ainm dha Augustine, agus bha e ’na cheann-feadhna air an treibh Sequoir còrr us ceud bliadhna. Tha àireamh de dh’ Innseanaich ann an California a tha thairis air ceud bliadhna, agus gabhaidh an aois a dhearbhadh le leabhraichean nam Manach Franciscan, a tha dol air ais àireamh cheudan bliadhna. Chaidh Sipido, an t-oganach a thug ionnsuidh air beatha Phrionnsa Wales ann am Brussels air an earrach s’a chaidh, a thoirt gu Cùirt toiseach a mhios so. Rinneadh a mach gu robh e car beag as a rian, agus gu’n d’thug e an ionnsuidh air comhairle chompanach, agus air an aobhar sin cha d’ rinneadh peanaist sam bith a chur air ach e bhi air a chumail ann an tigh smachdachaidh fad choig bliadhaa. Agus cha bu luaithe chaidh a chur dh’ an ionad sin na fhuair e teicheadh, agus dh’ fhàg e an duthaich. Tha e ro choltach nach robh luchd a’ cheartais ro gheur gus a pheanaisteachadh; na’m bitheadh dheanadh iad na b’ fhearr na rinn iad. BAS. Ann an Sidni, maduinn Di ciaduinn, an 17mh latha dhe’n mhios, an deigh tinneas fada air a ghiùlan le mor fhoighidin, Caitriona, bean ghradhach Chaptain Alasdair Dhomhnullaich, 59 bliadhna dh’ aois. Fhuair sinn an diugh 500 Paidhir de bhrogan fhirionnach Dong. Bals. Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1.25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1.40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar. Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn. Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta. H. H. Sutherland & Co. Stor Airgeid na h-aon Phrise. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad. Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 22] [Vol. 9. No. 3. p. 6] shluaigh, agus ghrad thainig e mach a bhruidhinn ris. B’ e a cheud cheisd a chuir Giafar air, an robh Nouredin beo, agus ma bha, a thoirt gun dail ’na lathair. Thuirt an righ gu ’n robh e beo, agus thug e ordugh a thoirt a steach. Anns a’ mhionaid thugadh a steach e mar a bha e, agus e ceangailte le cuird. Dh’ ordaich Giafar a ghrad fhusgladh, agus a chead fhein a thoirt dha, agus dh’ ordaich e Saoudhaidh a ghlacadh, agus a cheangal leis na ceart chuird a bh’ air Nouredin. Cha d’ fhan Giafar agus a chuideachd a bha maille ris ann am Balsora ach aon oidhche. Gu math trath air an ath mhadainn, dh’ fhalbh iad gus a dhol gu ruige Bagdad; agus a reir an orduigh a fhuair e, thug e leis Saoudhaidh, righ Bhalsora, agus Nouredin. Fad no goirid gu ’n robh iad air an t-slighe, rainig iad Bagdad, agus chuir e ’nan triuir iad an lathair an righ. An uair a dh’ innis e do ’n righ a h-uile car mar a thachair dha eadar falbh is tighinn, agus gu sonraichte an suidheachadh truagh anns an d’ fhuair e Nouredin, agus an droch dhiol a rinn Saoudhaidh air, dh’ iarr an righ air Nouredin an ceann a chur bhar Shaoudhaidh. “A cheannaird nam fior chreidmheach,” arsa Nouredin, “a dh’ aindeoin na rinn an duine aìngidh so de dh’ olc orm, agus na dh’ oidhirpich e a dheanamh air m’ athair nach maireann, bhithinn ’gam mheas fhein mar an aon a’s suaraiche dhe ’n chinne-daon nan salaichinn mo lamhan ’na fhuil.” Bha ’n righ gle thoilìchte an uair a chual’ e na briathran so, agus dh’ ordaich e do ’n chrochadar Saoudhaidh a chur gu bas. Bha ’n righ toileach Nouredin a thilleadh air ais gu ruige Balsora, gus a bhith ’na righ ann. Ach ghuidh Nouredin gu h-umhail air gun e ’g a chur air ais idir. “A Cheannaird nam fior chreidmheach,” arsa Nouredin, “an deigh na thachair dhomh de mhi-fhortan ann am Balsora tha leithid do ghrain agam air a dhol ann ’s gu ’m bheil mi ’guidhe oirbh gu ’n leig sibh leam cumail ris na mionnan a thug mi; oir mhionnaich mi nach tillinn ann gu brath tuilleadh. Agus bidh mi ’g a mheas mar aobhar toileachaidh agus gairdeachais ro mhor ma bheir sibh a dh’ urram dhomh gu ’n leig sibh leam a bhith ’ghnath dluth dhuibh.” Dh’ aontaich an righ gu ’n deanadh e so; agus air dha a chur ann an suidheachadh aon de mhaithean na cuirte, thug e Bean na Maise dha air ais. A bharrachd air so, thug e dha fortan gu leor; agus bha e fhein is Bean na Maise beo uine fhada comhladh, agus iad cho sona ’s a bha ’n latha cho fad. A thaobh righ Bhalsora, thug righ Bhagdad cead dha a dhol air ais d’a rioghachd, agus dh’ aithn e dha an aire mhath a thabhairt na comhairlichean a bhiodh aige a thaghadh a measg nan daoine bu ghlice agus bu chothromaiche, a bhiodh anns an rioghachd. (A’ chrioch.) Ceithir-La-Deug ann am Fion-Lios. Air tilleadh do’n Urr. Dr. Guthrie, aig aon àm, o chuairt-shamhraidh air tir-mòr na Roinn Eorpa, thuirt e nach fac e fhad ’sa bha e air falbh, ach dithis dhaoine ann an tri seachduinean a theireadh e bha deur beag de ’n deoch orra, agus eadhoin de ’n dithis sin cha robh e uile gu léir cinnteach, dh’fhaodadh e ’bhi gur tinneas na tuainealaich a thainig orra. Ach ann am Baile-mòr na h-Alba, thuirt e, air a’ cheud fheasgar a chaidh e mach an déigh tighinn dachaidh, bha daoine ri fhaicinn thall ’sa bhos air an dallanaich. Leugh mi so uile ’s a phaipeir-naigheachd, agus òg ged a bha mi aig an àm, loisg e mi gu m’chridhe gu’n gabhadh a leithid a ràdh mu dhùthaich mo ghràidh. Ach thòisich mi ri reusanachadh ann am inntìnn féin mar so—“’Se ministeir, agus duin-uasal a th’ ann am Dr. Guthrie. Cha’n ’eil e ach beagan ùine aig aon àm ann an àit’ air bith thall ’s na rioghachdan sin. Cha’n ’eil fhios aige ciod a tha ’dol air adhart os iosal, agus tha e féin ag aideachadh nach ’eil e ro eòlach air càinean an t-sluaigh am measg an robh e. Ma gheibh mise gu bràth an cothrom feuchaidh mi ’n fhìrinn fhaotainn a mach. Théid mi air feadh nan daoine cumanta, agus, leis a’ Ghàidhlig a bhi agam, cha’n eagal nach bi e furasda gu leòir Frangaich na Gearmailtich a thuigsinn ri beagan ùine.” Mar so chum mi air thoiseach orm an fheum a bh’ agam air a bhi deas an uair a thigeadh an cothrom. Chaidh bliadhn’ an déigh bliadhna seachad, ach thainig an cothrom an uair a bu lugha ’bha fiughair ris. Bha mi dlùth air bliadhna air chuairt anns an tìr chéin mun do chuimhnich mi na chuir mi romhan Goirid na dhéigh sin fhuair muinntir an tighe, agus mise comhla riu, cuireadh seachduin na dhà a chur seachad ann am fiòn-lios ’am mios dheireannach an fhoghair. A nis cha b’ann ’s an Fhraig na ’s a Ghearmailt a thachair dhomh ’bhi, ach ann an dùthaich a tha fada na’s fhaide ris an ear, tìr nan Roumànach, aig am bheil rioghachd nan Hùnnach ris an taobh an iar, le Rusia ris an tuath, agus an Fhairge Dhubh ris an ear. Ris an deas tha na Bulgaraich, a tha fo chìs aig na Turcaich. Bha na Roumànaich fo chìs aig na Turcaich fad ceithir cheud bliadna, ach thilg iad dhiubh i o chionn a nis fichead bliadhna. Cha robh a bheag de eòlas againn air an tìr so, na mòran iomradh air, gus an do phòs ogha na deadh Bhanrighinn againn am Prionns’ òg a tha ri tighinn a stigh air an righ-chathair Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. [TD 23] [Vol. 9. No. 3. p. 7] an déigh bràthair-athar, Righ Tearlach. Cha robh anns an rìgh ach “Prionnsa” Tearlach aig an àm ud, ach ’s math a tha cuimhn’ agam an cagar a chluinntinn a ruith am measg an t-sluaigh ’s an deur fhaicinn ’n an sùil, air an latha ’s an deachaidh mòr-chuideachd an airm agus an luchd-ceird riomh ’n bhaile le buaidh-chaithream an déigh blàr “Phlevna,” “Ar Righ!” thuirt iad ri ’chéile os iosal, an uair a chunnaic iad Prìonnsa Tearlach a dol seachad, le seann Iompaire Ruisia. Tha mòran tuilleadh iomradh air Roumània a nis o’n a tha Ban-Bhreatannach ann an inbhe cho àrd an cùirt na rioghachd. ’S iad buidheann de na seann Ròmanaich, a chaidh a phlanndachadh an sin leis an Iompaire Traian, air an cothlamadh—mar a dh’fhaodar a ràdh—leis na Greugaich a bha riaghladh thairis orra fad ioma ceud bliadhna a bha nan sinnsear aig a’ phobull so. Tha iad do nàdur ealamh, eutrom, neo-stéidheil, gu sonruichte ’s’an taobh deas, agus gu math coltach ris na h-Eadailtich; ged a dh’fheumar aideachadh gu’m bheil muinntir an taobh tuath, agus an luchd-dùthcha de atharrachadh gné. Tha a chànain aca cho cothlamta ris a Bheurla fhéin. Mar an sluagh, tha deadh stéidh aice do’n Laidionn ’s do’n Ghreugais, le mòran fhacal Turcach, agus Ruisianach. Ach tha deadh bhreacadh aice a cànainean eile, a chionn ’s iad na Frangaich a tha thairis air an “Telegraph,” agus tighean malairt an airgid: ’s iad na Gearmailtich, agus na Breatannaich a tha cumail air adhart nan slighean-iaruinn; tha tuilleadh is dà cheud mìle Iudhach ’nam measg; agus thairis air tri cheud mile de na ceàird. Tha aon sliochd de na ceàird ’nan seirbheisich ’s na tighean; sliochd eile diubh ri spàinean, obair fhiodh, agus iarunn-geal, agus treasamh roinn diubh a tha leth-fhiadhaich, gun eagal Dé, agus borb ’nan cleachduinean. Ged a tha eich bheaga ghreannach aig na Roumànaich tha e cho coitchionn na daimh a chur a tharruing na cairt, agus a dh’ oirbreachadh an fhearainn. Thug na cairtean ’am chuimhne na seann chairtean Gaidhealach a bhoidh againn a dol gu mullach a mhonaidh air son na mòine. ’S i ’n Eaglais Ghreugach Eaglais Stéidhichte na dùthcha. Bha Eaglais Chaitliceach na dithis anns a Bhaile-mhòr, far an robh ar còmhnaidh, agus dà Eaglais Phrotestanach; Eaglas nam Protestanach Ghearmailteach, agus bha “coinneamh” air a gleidheadh anns an tigh-aoraidh cheudna le muinntir na Beurla de gach comunn, far an do leugh misionari na h-Eaglais Shasunnaich an t-seirbheis choitchionn aca-san, air an t-Sabaid. B’e so, matà, an seòrsa dùthaich, agus an sluagh am measg an robh mi air chuairt. Bha ’m Bailemòr, Bucarest—facal Turcach a tha ’ciallachadh Baile-an-aoibhneis—air meadhon a chomhnaid. Bha ’m fion-lios a dh’ionnsuidh an robh sinn a dol deich na dusan mile siar dheth sin, air cnuic agus bruthaichean a bha ’g éirigh mu 7000 agus 8000 troidh os an ceann. Bha mòran de na nithean a chunnaic mi, a bha ’deanamh an Sgriobtuir na bu shoilleire do m’ inntinn, agus thug e toileachadh anabarrach dhomh cothrom fhaighinn air obair an fhìonlios fhaicinn le m’ shùilean féin, agus faighinn na bu dlùthe air am t-sluaigh. Tha ’m fàidh Isaias a labhairt air “bothan ann am fion-lios—tigh-fasgaidh ann an gàradh chluaran,” ach bha ’n tighein a bh’ air a chur air leth dhuinne beagan na b’fheàrr na so. Bha e air a thogail gu diongmhalta le clachan creadha, aig ceann cùirt fharsuing, le balla an fhìon-lios air aon taobh, agus le tigh, agus sabhall ’s bà’iche a ghàradair air an taobh eile. Bha ’n t-ùrlar os a cheann air son teaghlach a mharsannda Ghreugaich leis am bu leis e, gus an samhradh a chur seachad ann. Bha staidhir fhiodh air beulaobh an tighe, a dol a suas thun an urlair gu h-àrd, mar sin bhiodh tigh air leth againn dhuinn féin. Bha tobar, tri-fichead troidh air doimhnead, aig a gheata, le crann-tarsuinn, agus bucaid air ròpa an crochadh ris; agus bha mart na dhà aig a ghàradair, mar sin cha b’ eagal duinn a thaobh bainne, na im, na uisge, agus a chinn nach robh àite-teine anns an tighein, bha ’m biadh ri bhi air a dheasachadh ann an cidsinn a ghàradair. Ach b’ fheudar cnapanach de dh’ imrich a dheanamh, a chionn, an taobh a mach de dhà bheingidh-leapa, agus gràinnean de chathraichean làidir cumanta, cha robh air thoiseach oirnn ach na ballachan aolta. Bha na h-achan air a chòmhnarp buainte agus a chuid mu dheireadh do arbhar a choirce-Innseanaich a stigh air an latha ’rainig sinn. Bha na cnuic air thoiseach oirnn comhdaichte gu ’m mullach le fìonliosan, anns an robh, thall ’s a bhos, craobh mhòr chnò. Na b’ fhaide air falbh bha na beanntan caillteach, dachaidh nam mangan agus a mhadaidh-alluidh. Gu fortanach tha na madaidh-alluidh a togail orra gu Rusia air latha suidhichte ’s an Earrach, agus cha robh e fathast an t-am dhoibh tilleadh. Tha na mangain dubh anns na coilltibh is àirde, agus cha robh e fathast an t-àm ghabh am mangan donn gnothuch ri duine mar gabh duine gnothris; ged a ghoideas e mulachag chàise a bothan an àirdh ’n uair a gheibh e ’n cothrom. Bha sinn seachduin ’s an àite mu’n do thòisich tional nan dearca-fìona. Bha ’n gàradair, d’ am b’ ainm Sacharia le ’ghillean, trang a cur an òrdugh deich togsaidean mòra, a gabhail aig na cearcaill, ’s ’gan deanamh diongmholta air gach dòigh. Sin thairis, thainig ùspair do dhuine cas-ruisgte, ann an léint shaic, agus briogais fharsuing de ’n chcart seòrsa, agus dh’ fhadadh e teine fo choire mòr aig taobh a’ ghàraidh. Thogadh e làn gogan de uisge goileach as a choire, agus le càbull iarruinn sgù radh e gach togsaid gu math ’s gu ramath, agus chuireadh e air a cliathaich i gu tormachadh tachduin ’s a’ ghràin. K. W. G. (Ri leantuinn.) Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Aig an am so an tigh Iain Mhic Fhionghain, air Sraid Bhentick. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. The Scotish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [TD 24] [Vol. 9. No. 3. p. 8] Domhnallaich na Ceapaich. Bha sia mic aig Iain Mac Dhomhnaill, tighearna nan eileinean; Iain, Raonall, Goiridh, Domhnall, Iain Mor, agus Alasdair Carrach. Is ann bho Raonall a thainig Clann Raonaill agus Domhnallaich Ghlinne-Garadh. Is ann bho Ghoiridh a thainlg Clann-Ghoraidh, no siol Ghoiridh. Rinneadhe na cheann-cinnidh air na Domhnallach. Is ann bho Iain Mòr a thainig Sliochd Iain, no Domhnallaich Ile agus Anntruim. Is ann bho Alasdair Carrach a thainig Domhnallaich na Ceapaich. Tha Alasdair Carrach a tachairt ruinn ann an eachdraidh mar-thriath na Ceapaich sa bhliadhna 1394. Bha e aig blar Ionarlòchaidh an 1431. B’e Aonghus na Fearside, Aonghus mac Alasdair Charraich, triath na Ceapaich an 1463. Bha da mhac aig Aonghus, Domhnall agus Alasdair. Thuit Domhnall mac Aonghais am blar an 1497. Chuireadh cùl ri a mhac, Iain Alainn, mar thriath. Chaidh Alasdair mac Aonghais na Fearside a mharbhadh aig Càrn Alasdair le fear de Chloinn Chamarain. Dh’ fhag e mac ris an abairteadh Domhnall Glas. Bha Domhnall Glas na thriath air a Cheapaich an 1498. Bha tri mic aig Raonall Mor mac Dhomhnaill Ghlais, Alasdair Bhothloinn, Raonall Og, agus Iain Dubh. Chaidh Raonnll Mor a dhith-cheannadh an 1547. Chuireadh blar Bhothloinn ann a Februari 1554. Chaidh Alasdair mac Raonaill Mhoir a leon gu goirt anns a bhlar so agus chaidh Eoghainn Beag mac Eoghainn, triath Chlann Chamarain, a mharbhadh. Choisinn Alasdair mac Raonaill Mhoir latha Bhothloinn, ach cha robh e beo fior fhada na dheidh. Thainig Raonall Og, no mar theireadh cuid Raonall Gorach, a bhrathair, a staigh air a Cheapaich na àite. Air do Raonall a bhith ann am Muile co a thachair air ach nighean Mhic Leoid, bean Ailean Mhic Iain. Bho’n a bha bean a dhìth air ’s bhon a dh’ fhag an duine aice nighean Mhic-Leoid smaointich Raonall gu ’m freagradh i dha gu math. Thug e leis do ’n Cheapaich i agus lean e rithe. Bha mac aca a bha na dhuine ainmeil ri latha fhéin, Alasdair nan Cleas. Phòs Alasdair Seonaid, nighean Mhic Dhughaill Dhunalla, agus bha tri mic aige, Raonall Og, Domhnall Glas agus Alasdair Buidhe. Dh’ eug Alasdair nan Cleas mu ’n bhliadhna 1635. B’e Raonall Og an nis triath na Ceapaich. Chaidh Aonghus, aon mhac, a mharbhadh aig Stron-a-Chlachain ’sa bhliadhna 1640. Anns a cheart bhliadhna loisg Gilleasbuig Gruamach, Iarla Earraghaidheal, taigh na Ceapaich, agus chreach e an duthaich. Ach bha latha Inibhir-Lochaidh ri teachd. Bha Raonall Og beo nuair a chaidh Aonghus a mhac a mharbhadh. Fhuair e bàs eadar 1640 agus 1644. Thainig Domhnall Glas, a bhrathair, a staigh air a Cheapaich na dheidh. Gheibhear an rann a leanas ann an leabhar oran Iain Luim: Nuair a rachadh tu am mach, ’S ard a chluinnteadh do smachd, Bhiodh Iain Mudeartach leat ‘s Mac-Leoid. Bha e duilich do dh’ iomadh duine a thuigsinn ciamar a fhreagradh an rann so do Raonall Og na Ceapaich no do dh-Aonghus a mhac. Is iomadh ni a dh’ fhàgas an t-aineolas duilich do dhaoine a thuigsinn. ’S e iar-ogha do Mhac-Leoid a bha ’n Raonall Og. Bha Domhnall Glas na thriath air a Cheapaich an 1644. Bha e aig blar Ionarlòchaidh an 1645. Chaochail e bliadhna no dha an deidh sin. Dh’ fhag e da mhac og, Alasdair Mor agus Raonall Og. Bha Alasdair Buidhe, brathair athar Dhomhnaill Ghlais, na thaoiteir air a Cheapaich an 1651, agus ’s e ’s dòcha da no tri de bhliadhnachan roimhe sin. Rugadh Alasdair Mor mu ’n bhliadhna 1639. Ghabh e an riaghladh sa Cheapaich na laimh féin an 1660. Mu dheireadh na bliadhna 1661 bha droch aimhreit air a bonn eadar e-féin agus Alasdair Ruadh mac Dhughaill an Ionarlàire. Chaidh Alasdair Mor agus Raonall Og a bhrathair a mhort an September 1663. Bha tri lotan deug air fichead air Alasdair, agus ochd lotan fichead air Raonall Og. An Iuin 1665 thugadh ordagh righ do Shir Seumas Mor Shleite na daoine so a ghlacadh airson a mhoirt;—Ailein Dearg mac Alasdair Bhuidhe, Domhnall Gorm mac Alasdair Bhuidhe, Alasdair Ruadh Mac Dhughaill, Dughall Mac Dhùghaill san Tulaich, agus Padruig Dunbar. Thainig Gilleasbuig Dubh, an Ciaran Mabach, as an Eilean Sgitheanach le buidhinn laidir de dhaoine gu Ionarlaire, agus mharbh e cuid de na mortairean. Chaidh ceann Alasdair Ruaidh Mhic Dhughaill, ceann Iain Ruaidh a hrathair, ceann Dhomhnaill Uidhir Mhic Dhughaill, ceann Dhughaill Mhic Dhughaill san Tulaich, agus ceann Phadruig Dhunbar a chur do Dhun-eideann mar dhearbhadh air an obair mhath a rinn an Ciaran Mabach, agus chaidh an cur suas ri croich anns a bhaile sin. Cha ruig mi a leas innse gur h-e Iain Lom a bha na mheadhon air na mortairean a thoirt gu peanas. ’S e brathair do Shir Seumas Shleite a bha sa Chiaran Mhabach. An deidh do dh-Alasdair Mor ’s do Raonall Og a bhith air am mort, thainig Alasdair Buidhe a staigh mar thriath air a Cheapaich. Bhàthadh e mu ’n bhliadhna 1665. B’ e Gilleasbuig a mhac an ath thriath a bha air a Cheapaich. Bha Gilleaspuig na bhard math ’s na dhuine measail. Dhealaich e ris an t-saoghal so sa bhliadhna 1682. A. M. S. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Uaireadairean air prisean a tha ruith o $1.75 gu $200.00 AIG Bezanson ANNS AN Stor Ur Sheudan AIG K. Bezanson An Togalach Hanington, SIDNI, - - C. B. Ghibear an stoc a’s motha ’s a’s fhearr de dh’ Uaireadairean, Seudan, Bathar Airgeid, agus Innealan Ciuil a th’ann an Ceap Breatunn. Bidh e thoilicht thu thaghal air a dh’ fhaicinn a chuid bathair. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Tha e gu math na’s cosgaile bhi cur am mach paipear am bhliadhna na bha e ’n uiridh. Tha am paipear bàn na’s daoire, tha màl air éiridh, tha tuarasdail moran na’s airde na bha iad, agus tha gach cosgais eile air a dhol suas a reir, agus a dh’ aindeoin sin tha pris a phaipeir a’ fuireach aig dolair ’sa bhliadhna. Cha bu chòir do’n luchd-gabhail, uime sin, dearmad a dheanamh air an dolair bheag shuarach a tha sinn ag iarraidh air son toradh gach saothair us cosguis fo’m bheil sinn a’ dol. Ged a gheibheadh ar cairdean agus ar dìslean bàs, cha ’n fhaod sinn ar lamhan a phasgadh, agus cùl a chur ri ar n-obair. Mar is trice, is ann an uair a ghairmear air falbh ao luchd-dàimh, agus na daoine a bha ’nan cultaic dhuinn, ar dìchiollaiche agus is dlùithe a dh’ fheumas sinn a dhol an ceann ar dleasdanais. An uair a bhios a’ ghaoth agus an sruth ’nar n-aghaidh, is ann is mò a dh’ fheumas sinn ar spionnadh a chur ’an geill gus am bàta iomradh. Cha ’n fhaod sinn na raimh a shaoradh air chor sam bith fhad ’s a theid againn air feum a dheanamh. Gheibhear sanas bho K. Bezanson anns an àireamh so. ’S an aige tha ’n stor sheudan a’s motha tha ’n Ceap Breatunn, agus tha gach ni air a chreic gu saor. Bu chòir dhaibhsan aig nach eil ach droch càil a bhi ’g òl Union Blend Tea. Tha an Tea so glan, fallain; geuraichidh i càil, agus neartaichidh i an stamag. Tha ceithir seorsachan ann dh’i, gach seòrsa ’na luach airgeid a’s fhearr air an t-saoghal. Iuchair agus cairt anns gach pasg puinnd. Na dean dearmad air Mac-Talla Cuir ugainn pris bliadhna dheth, agus chi thu t’ ainn san ath àireamh. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B. [TD 25] [Vol. 9. No. 4. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 27, 1900. No. 4. BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. II. TAISDEAL A’ PHRIONNSA DO DH-ALBAINN. Anns a’ bhliadhna 1740 gheall cuid de na Fineachan Gàelach éiridh le Rìgh Seumas nam b’e a’s gum faigheadh iad còmhnadh sluaigh agus àrmachd as an Fhràing agus ma dheireadh na bliadhna 1743, dh-aontaich cùirt na Fhràinge sin a thoirt dhaibh, agus chuir iad fios air a Phrionns’ òg, Tearlach mac Sheumais, e ’thighinn air ball as an Ròimh gu falbh air ceann na feachda do dh-Albainn, agus ma thùs a Mhàirt sa’ bhliadhna 1744, bha cabhlach anns an robh cùig mìle fear, a’ cuir fa-sgaoil gu oirthire na Fhràing fhàgail, ach chaidh grabadh a chur air an turas le cabhlach Shasunnach a thòisich air losgadh orra, agus ni nach b’fhasa, dh éirich storm anabarrach gaoithe ’s doirinn a thilg an loingeas Fràngach air tìr, a chuir cuid dhiù ’nan spealgan, agus a chuid eile á uidheam air chor is nach b’ urrainn iad an cuan a ghabhail air sheòl sam bith. ’Nuair a chunnaic Tearlach so bu mhòr a chràdh cridhe, agus chur e roimhe seòladh a dh-Albainn ann am bàta beag iasgaich a chum e-féin a chuir air ceann a chàirdean, an dochas nam faiceadh iad aon sealladh dheth a ghnùis gu’m bu leor e gu thoirt orra eiridh suas ’na aobhar, ach chuir luchd-comhairl’ athar ìompaidh air gun e sin a dheanamh, agus dh’ fhan e ann an àit’ iomalach de’n Fhràing gus am faigheadh se e féin n’a b’ uidheamaichte, agus cothrom na b’fhàbharaich. Ann am fior thoiseach na bliadhna 1745, dh-fheuch e na h-uile sheòltachd a bha na chomas gu thoirt air a chairdean-cùirt ath-ionnsaidh thoirt air na Fràngaich Albainn a thoirt orra, ach cha’n eireadh a h-aon diubh. Air an aobhar sin sgrìobh e mar so as an Ròimh a dh-ionnsaidh athar,—“B’ fhearr leam gu’n reiceadh tu m’ uile sheudan: oir air an taobh so de ’n chuan cha ’n fheud mi am mealtainn ach le cridhe goirt: a smaointeach gu’m faodainn an cuir gu buil n’a b’ fhearr, gu freasdal air m’ fheum an am na cròdhaig.” Thuirt e ann an earrainn eile de’n litir so ma shùim airgeid a bha e ’g iarraidh air athair, gu ceannach chlaidhmhean:—“Mas bithinn a dh-easbhuidh an airgeid reicinn mo leine agus is ann air son a leithid so de ghnothach* a bhios mi do ghna ag iarraidh airgeid ort, agus cha’n ann air son aodaichean rimheach a’s rudan suarach mar sin.” Fadheoigh air dha géill a thoirt nach coisneadh e tùrn air an t-sheòl ud, chuir e roimhe an Fhràing fhàgail gun dàil, oir bha mòr earbs’ aig as na h-Albannaich agus gu h-àraid as na Fineachan Gàelach, a thug cheana misneach dha a thighinn d’an ionnsaidh, nam b’ urrainn e foghnadh òir agus àrmachd a thoirt leis: shaoil e n’an sgaoileadh e aon uair a bhratach ri crann an Albainn gu’n cruinnicheadh a chàirdean gu grad ma thimchioll agus gu’n cumadh e làrach gus an tigeadh cobhair d’a ionnsaidh as an Fhràing. Mu’n àm so thug duin’-uasal a bha na bhancair ann am Parais (àrd bhaile na Fràinge) an coingheall do Thearlach cùig mìle pund Sasunnach leis na cheannaich e cùig-ceud-diag gunna-glaice, agus ochd-ceud-diag claidheamh maille ri rud math fùdair, peileirean, sporun, biodagan, agus fichead gunna mòr. An nise rinn Tearlach gach ni deas air son “Taisdeal nan tonn dù-ghorm,” agus na daoin’ uaisle so mar ris; a chiad fhearr a’s còir dhomh ainmeachadh Diuc Abhall [a theich á Sliabh an t-Siorraimh sa’ bhliadhna 1715, agus a bha mu’n àm sin san Fhràing air fògradh, ni a chum e bho shéilbh fhaotainn air oìghreachd athar a thug Rìgh Seòras seachad da bhrathair a b’ òige.] B’e càch—Sir Tomas Seridan—Sir Iain Domhnullach,—oifigeach a bh’ anns an arm Spàinteach,—Mr. Kelly, ministear Sasunnach, agus O’ Suilibhan,oifigeach Eireannach a bh’ anns an arm Fhràngach—Mr. Stricland, duin’-uasal Sasunnach, agus Aonghas Domhnullach, tànaistear Thighearna Chinn-Locha-Mùideart a bha na Bhancair ann am Parais. Ma sheachd uairean ’s an fheasgar, air an darra latha thar fhichead de dharra mìos an t-Sàmhraidh, ’s an t-sheana chunntais, chaidh am Prionnsa agus an t-seachdnar dhaoin’-uaisle dh’ ainmich mi air bòrd an Doutelle, long bheag chogaidh a fhuair e bho cheannaiche Fràngach, da’m b’ainm Bhailsh. Air dhaibh gach goireas a nis fhaighinn air dòigh, sheòl an Doutelle, agus long-chogaidh eile da’m b’ ainm an Ealasaid, a bha giùlan armachd agus treathlaich-chòmhraig a’Phrionns’, air an dara latha do threas mìos an t-Samhraidh. Air an cheathramh latha dhaibh air fàirge thainig long-chogaidh Shasunnach nam fradharc, agus loisg an Ealasaid oirre, ach mharbh an nàmhaid ma thuaiream da-fhichead fear de làmhan na h-Ealasaid, agus rinneadh uidhir dhochainn air a crannaghail ’s gum b’ fheudar dh’ i teicheadh aìr a h-ais do’n Fhraing le uil’ armachd agus treathlaich-chogaidh a Phrionnsa! Ach cha tug sin air Tearlach pilleadh on a bha ’n soirbheas fabharach: “chàraich e rithe gach seòl bréid-gheal,” a dol air aghaidh le mòr mhisnich, agus deagh dhòchas gun eireadh na Fineachan leis cho luath ’s a ruigeadh e Albainn. Air an taisdeal so chuir Tearlach uime deise mar òganach Albannach, a bhiodh a fòghlum na sagartachd ’s an Fhràing, agus gu e-féin a chur n’a bu mhò as aithne cha do bhearr e fhiasag bho ’n latha chaidh e air bòrd. Air an oidhche chuir iad ás gach tein’ a’s solus a chum ’s gu’m b’ ann a b’ fhearr a sheachnadh iad aire nàimhdean no luchd-tòrachd a dh’-fhaodadh a bhi air an tì—air aon àm thainig long Shasunnach cho faisg orra ri àite teine, ach air ball dh’ eirich oiteag chruaidh ghaoithe, agus bha long a Phrionnsa cho gleusta ’s gun sheòl i gu grad á cunnard, agus cha b’ fhada gus na dh’ fhàg i fradharc an nàmhaid gu tur. Air an dara latha fichead de threas mìos an t-Sàmhraidh rainig iad cùl Leòghais, agus air dhaibh a bhi teannadh ri fearrann thainig iolaire mhòr riabhach a dh-itealaich os-ceann na luinge, agus thòisich i air cumail suas riu. B’e Diùc Abhall a thug an aire do’n fhir-eun air tùs, ach cha dubhairt e smid ma dhéibhinn le eagal gu’m biodh na daoin’ uaisl’ a cur fuar-chràbhadh nan seana Ghàel as a leth; ach air dha féin agus do Thearlach a bhi spaidsearachd air clàr-uachdair na luinge as dèigh an dinneir, agus an iolaire bhi sìr chumail suas ris an luing, thuirt e mar so ris a’ Phrionns’—“Seall suas, faic an t-ian ud, Prionnsa na h-ealtain, a’ cuir fàilt’ air do mhòrachd rìoghail, Prionnsa fir Alba, gu rìoghachd a shinnsir!” Sheòl iad an sin a steach do chaol eadar Eireasca agus Uidhist a chinne-deas, agus air dhaibh fradharc-cuain a dheanamh air dà long Shasunnaich chaidh iad gu grad air tìr ann an Eireasca a’ giùlan leo an cuid armachd agus gach treathlaich-chòmhraig eile bha aca. Chaidh am Prionnsa air ball a dh’ ionnsaidh taigh tuathanaich a bh’ anns an eilean sin, agus dh’innis an tuathanach dha gun robh Mac-’Ic-Ailein agus a bhràthair, fear Bhaosdail, san àm an Uidhist, agus gun robh oighre Mhic-’Ic-Ailein’ no Tighearn òg Chlann Raonaill, mar a their cuid, air tìr-mòr ann am Mùideart. Cha luaithe chuala Tearlach so na chaidh e air ball gu taigh Fhir Bhaosdail, agus chaith e ’n òidche maille ris an duin’ uasal sin. Air an ath mhadainn chaidh am Prionnsa g’a luing, agus cha robh fear Bhaosdail fada gun a thighinn air bòrd as a dheighidh. Mu’n ann so b’e fear Bhaosdail ard-chomhairleach a bhràthar, Mac-’Ic Ailein, a thaobh e ’bhi le aois agus easlainnt neo-chomasach air a ghnothaichean féin a riaghladh gu ceart. Bha fios aig Tearlach air so, agus shaoil leis gun deanadh fear Bhaosdail gach ni bha na chomas gu Clann-Dòmhnuill a thogail suas na aobhar, ach cha do dhearbh a chùis so ’bhi mar shaoil le Tearlach. Gun teagamh sam bith bha Fear Bhaosdail an deagh rùin do’n Phrionns’, agus b’e fhior dhùrachd gu ’n soirbhicheadh leis na thuras do dh-Alba’: ach a thaobh ’s nach robh e ga fhaicinn na ghnothach coltach ’san àm a dhol a chogadh ri feachd Rìgh, le beagan dhaoine gun armachd, gun chosgais chogaidh, thug e chomhairl’ air a Phrionns’ pilleadh dhachaigh an taobh as an tainig e, gus an faiceadh e àm bu ghealltanaich’ air buaidh a chosnadh: ’nuair a chuala Tearlach so thuirt e—“Is ann a tha mi air ùr thighinn dachaigh, agus cha’n urra mi idir smuainteachadh air pilleadh an taobh as an tainig mi, tha mi làn-dhearbhta gu ’n seas mo chuid Gàeil dhìleas, chalma, mise.” Thuirt fear Bhaosdail gu robh eagal air gu’m biodh e’n aith-ghearr de chaochladh barail. Thuirt am Prionnsa gu ’n robh mòr earbs’ aig’ á Mac-Leòid Dhùnbheagain, agus á Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte, da cheann-taighe a b’ urrainn dà-cheud-diag fear-claidheimh a thoghail air am fearann féin uair sam bith a b’ àill leo. Thuirt fear Bhaosdail ris gu’n robh na daoin’-uaisle sin a cuir rompa nach eireadh iad leis, ach gum bu mhòr bu dàch iad cuir na aghaidh. Chum so a dhearbhadh chuir am Prionnsa teachdaire dh’ionnsaidh Shir Alasdair agus [TD 26] [Vol. 9. No. 4. p. 2] Mhic-Leòid, an sin dh’ fheuch e, ach gu diamhain, ri iompaidh a chuir air Fear Bhaòsdail gus na h-Uidhistich, agus na Mùideartaich, tuath-cheathairn a bhràthar, a thogbhail. Thuirt fear Bhaosdail ris gur ann a dh-fheuchadh e ri stad-feachd a chuir orra na’m faiceadh e iad féin togarrach air éiridh. Ghabh Tearlach gu mòr gu cridhe fionnarachd Fhir Bhaosdail mu’n chùis, ach chum e air féin cho math a’s nach do leig e bheag ris dheth a dhiombadh. Dh-òrduich e ’n long a chuir fa-sgaoil agus rinn e air son na mòr-thir. Chaidh fear Bhaòsdail cunntais mhìltean leo air an luing, agus thug am Prionns’ an ath ionnsaidh air gu Clann-Dòmhnuill a dhùsgadh, ach thuirt fear Bhaosdail na ceart bhriathran a thuirt e, ’nuair a labhair am Prionnsa’ ris air tùs, ma thimchioll a ghnothaich. Chaidh fear Bhaosdail an sin na bhàta a bha ’n ceangal ri deireadh na luinge, agus leig e leis a Phrionnsa buanachd air a shlighe mhi-ghealltanaich féin. An àm dhaibh a bhi seòladh a dh’ionnsaidh na Mòr-thir bha ’m Prionns’ anns a’ cheart aigneadh anns an robh e an àm fagail na Fráing’, a’ cuir roimhe nach geilleadh e gus am “biodh fuil Shasuinn air fraoch Alba;” agus air an naoidheadh latha-diag de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh leag e acair ann an Loch-nan-uamh eadar Mùideart agus Arsaig. Bha’n t-àite so anns na rùnaich e thighinn gu cala cho duaichnidh, agus cho leith-oireach ’s a b’urrainn e fhaotuinn air feadh rìoghachd a shinnsir gu léir. B’e cheud ni a rinn e an deighidh an acair a leagadh bàta ’chuir air tìr le litir a dh-ionnsaidh Tighearn’ òg Chlann-Raonaill. Bha mòr earbs’ aige gu’n robh an duin’-uasal sin ro eudmhor na aobhar, agus cha bu luaithe a fhuair e a litir na thainig e-féin, agus a dha charaid, Fear-Ghlinn-Ealadail, agus Fear Dhailealea, agus dithis no thrùir de dhaoin’ uaisl’ eile gu baile beag, ris an canair Forsaidh, fa-chomhair an àit’ anns an robh an long na laidhe. Tha fear dheth na daoin uaìsl’ a’ toirt a’ chunntais so air an turas gu long a Phrionns’—“Air dhuinn gairm air a bhàta gu tìr thàinig i air ball agus ghiùlanadh sinn gu bòrd, ar cridheachan ’san am a’ plosgartaich le h-éibhneas ’n-ar n’uchd, a’ smuainteach gun robh sinn gu bhi a’ thiotadh ann an comunn a Phrionns’ òig, a bha sinn bho cheann-fada cho déigheil air fhaicinn. Air dhuinn dìreadh, fhuair sinn bùth air a thogail air clàr na luinge air a thuthadh le cainb agus bòrd mòr rìmheach ’na mheadhon, comhdaichte le iomadach seòrsa fìona agus deochanan laidir eile. Air dhuinn a dhol a steach do’n bhùth so dh’-fhàiltich Diùc Abhall sinn gu suilbhear’, duin-uasal air na chuir sinn gu léir eolas latha Sliabh an t-Siorraimh. ’Nuair a bha sinn mar so a’ gabhail naigheachad an Diuc chaidh Tighearna Chlann-Raonaill, agus Tighearna Locha-Muideart a ghairm sios “fo bhòrd” far an robh am Prionns’, agus dh’innseadh dhuinne nach faiceadh sinn a mhòrachd air an fheasgar sin.” Thoisich Tighearna Chlainn-Raonaill air cuir an céill do Thearlach cho mì-choltach sa’ bhiodh e dhaibh toiseachadh air cogadh; thuirt a charaid Tighearna Locha-Muideart an nì cianda ach thoisich Tearlach air am brosnachadh suas le binn-bhriathran fileanta, deas, gum bu chòir dhaibh am Prionns’, agus an caraide féin a chomhnadh an àm foirneart, ach le fior briathran blatha nach bu chearbaiche na sin chuir an dithis Thighearnan òga ìompaidh air-san, gun e bhi cho bras ann an gnothach cho cuidreamach, nach biodh ann an eirigh a mach an aghaidh feachd Rìoghachd le prasgan de shluadh gun ionnsachadh ann an cleasan an airm, agus gun oifigich earbsach agus armachd cheart, ach léir-sgrios obann a thoirt a’ nuas air ceann gach neach a tharladh na leithid de chumaisg gun chiall; air dha na daoin-uaisl’ a bhi mar so a còmhradh, thainig Gàel òg dealbhach na làn armachd gu bòrd agus sheas e balbh ag eisdeachd le geur aire, conaltradh nan uaislean ris a Phrionnsa; b’e ’n t-òganach so a thainig tànaisdear Thighearna Chinn-Locha-Muideart, a thainig a dh’amharc na luinge gun fhios aige ro-laimh co bha air bòrd. ’Nuair a thuig e gum b’e’n coigreach a thainig a nuadh an tìr oighre rioghail, dligheach Bhreatuinn, agus a chunnaig e nach rachadh a cheann-cinnidh no a bhrathair a chogadh na aobhar, chaochail e snuadh, las a shuilean na cheann agus dh’fhàisg e ceann a chlaidheimh na dhòrn: an sin thug Tearlach an aire gu’n robh bruaillean air aigneadh, agus labhair e ris mar so,—“Nach éirich thusa leam?”—“Eiridh,” (arsa Raonull òg, oir b’e so ainm,) “ged nach tàirneadh aon duin’ eil an Albainn claidheamh ’na t’aobhar, tha mis ullamh gu bàsachadh air do shon.” Air cluinntinn so do Thearlach thainig reachd na mhuineal agus deoir le ghruaidhean, agus thug e taing do’n òganach mhisneachail, agus thuirt e gum b’ fhearr leis gu’n robh gach Gàel coltach ris. An uair a chual’ an dithis dhaoin’-uaisle so cha b’urrainn iad Tearlach àicheadh n’a b’ fhaide. Cha bu lugha na tri uairean de thim a chaith Tighearna Chlann-Raonaill a’ conaltradh diamhair ris a Phrionnsa fo chlàr; thainig e ’n sin do ’n bhùth far an robh a chàirdean a bha fad na h-ùine ga fheitheamh. Ma thimchioll leth-uair an deigh sin thainig gallan dìreach de ghill’ òg a bha ro thlachdmhor a steach do’n bhùth, sgeudaichte le casaig dhuibh, leine chaol, gheal, agus stoc geal cambraic m’a mhuineal agus bucal airgeid da dhùnadh, stocainean dubha, agus bucail bhuidhe umha na brògan, ad dhubh agus sreang chorcraich m’a timchioll, agus ceann na sreinge ceangailte ri aon de phutánan na casaig. Cha luaithe chunna mi ’m fiùran so na mhothaich mi mo chridhe le h-eibhneas a dìreadh suas ri m’ shlugan, ach thuirt O’Brian, Pears-Eaglais a bh’air bòrd rium gur h-e bh’ann Easbuig Sasunnach a bha air son na Gàel fhaicinn; dh’ iarr O’Brian gun duine sam bith a’ bha na shuidhe éiridh, tharladh gum b’e mhi-fhin an aon duine bha na sheasamh an uair a thainig e steach, agus ’nuair a shuidh mi, rinn e suidhe làimh rium; ach dh’eirich e suas le gradaig agus dh’iarr e orm suidhe an taice ris air ciste; air dhomh a shaolsainn ’san àm nach robh ann ach Pears-Eaglais labhair mi ris gu saor: Be chiad sheanachas a rinn e rium, ma dhéibhinn mo dheise Ghàelich—dh-fharraid e “an robh mi a’ mothachadh fuachd anns an deise sin?’, fhreagair mi, gu’n robh mi saolainn gur ann a bhidhinn fuar ann an deise sam bith eile. ’Nuair a chual’ e so, rinn e fàite gàire, dh’ fheoraich e’n sin, “cia mar a laidhinn ann ’san òidche?” Thuirt mi gu’n deanadh mo bhreacan-guaile gniomh plaide dhomh, agus sheall mi dha mar a dheanainn; thuirt e ’n sin, “nach bithinn ullamh gu eiridh nan tigeadh baobhal ’n am dhàil ’nuair a bhithinn am shuain.” Thuirt mi ris, ri àm cogaidh no gàbhaidh eile gu’n suainnsinn mo bhreacan cho fuasgailteach ’s gum bithinn air mo bhuinn ann am priobadh nan sùl le claidheamh rùiste ann am laimh dheis, agus daga làn ann am làimh chli. As deigh tuille conaltraidh mar so, dh’iarr e drama agus air dha fhaotainn dh-òl e oirn’ uile mu’n cuairt agus dh-fhàg e ’m bùth. Rè an latha sin agus an ath latha dh’fhan Tighearna Chlann-Raonaill maille ri Tearlach, bha Diùc-Abhall agus Tomas Seridan a cuir an comhairle r’a chéile ma cia mar a b’ urrainn iad a thoirt air a chuid eile dheth na Fineachan éiridh, a bha mu’n àm sin ma thuaiream dà-mhile-dhiag fear. Air an dara latha-fichead de mhìos mheadhonach an t-Sàmhraidh chaidh Tighearna Chlann-Raonail agus Aìlean Dòmhnullach bràthair do Thighearna Chinn-Locha-Mùideart, do’n Eilean-Sgiathanach far an robh Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuil Shléibhte, agus Mac-Leòid. ’Nuair a dh’ fhalbh na daoin’ uaisle sin air an turas, chaidh Uisdean Dòmhnullach bràthair Fhir Mhòr-thir do’n luing a shealltainn air a Phrionns’ thuirt an duin-uasal sin ri Tearlach “gum bu chòir dha bhi na fhaicheall nach robh e ro fhada bho Ghearasdan Inbher-Lòchaidh, agus nach b’ fhusa dha car na Caimbeulaich, na’n cluinneadh iad gu’n tainig e nall.” Thuirt Tearlach “Cha’n eil eagal sam bith orm á aon ni dhiù sin.” An sin labhair fear Bhaosdail, “gu’m b’fhearr dha pilleadh air ais do’n Fhràing,” ach thuirt e-san “nach robh e air son e-féin a thilgeadh air muin choigreach, agus nach mò na sin a chuireadh e dh’earbs’ asda, ach á chàirdean féin, agus gun tainig e nise thoirt comais daibh air an càirdeas a thaisbeanadh, le chòir thoirt air ais da bho nàimhdean, agus nach biodh aig Fràngaich no aig almharaich sam bith eile ri ràdh gun do thilg se e-féin air a chàirdean agus gun thréig iad e, agus gum b’eiginn da teicheadh uapa gu tìr choigrich—a dh-aon fhacal, thuirt e, ged nach faigheadh e ach seiseir dhiùlannach dìleas a dh’éireadh leis gum b’fhearr leis teicheadh leo mar fhògarach feadh bheantaichean Alba no pilleadh air ais do’n Fhràing.” Air a chuigeamh latha fichead de ’n mhìos thainig e air tìr as an luing agus an t-seachhnar dhaoin’-uaisl’ a thainig thar chuan leis maile ris. Chuir e chiad chas air tìr-mòr na h-Alba ann an Bòrghadal, baile fearainn a bhuineas do Mhac-’Ic-Ailein, a tha fagus do Loch-nan-uamh; am fìr mheadhon oirthire siar na h-Alba, a tha ma thuaiream ceud a’s ceithir fichead mìle bho Dhunéideann. Bha Tighearna Chlann-Raonaill, mar chaidh chean’ aithris, mu’n àm so anns an Eilean-Sgiathanach, ach chruinnich caochladh dhaoin’-uaisle dheth na Dòmhnullaich mar gheard ma thimchioll a Phrionns’, a thog a chairtealan ann an taigh Bhòrghadail. ’Nuair a smuainicheas sinn nach d’eirich ceann-cinid, air bith eile le Tearlach mu’n àm so, cha’n urra sinn gun a radh gun ghabh an teaghlach so mòran orra féin; a thug fasgath a’s biatachd do ’n Phrionnsa; d’a uaislean, agus do cheud fear a bha mar gheard air a phearsa. Bha’m Prionnsa féin na shuidhe ann an seòmar mòr farsuinn as am faiceadh e a luchd-leanmhuinn a dh’ aon sealladh. Aig a chiad bhiadh a ghabh iad ’san àite so, dh-òl Tearlach air an deagh shlàint’ ann am Beurla, agus dh-òl a chuideachd ann an Gàelig “deoch-slaint’ an Righ.” Thaitinn sin gu ro mhath ris gach neach a bha lathair, agus dh’ fharraid Tearlach ciod bu chiall da; ’nuair a dh’-innis iad dha, dh’-iarr e na briathran aithris a rithist, gus an ionnsaicheadh e-féin an cantainn; dh-òl e sin deoch-slaint an Righ ann an Gàelig—dh’iarradh an sin deoch-slaint’ a Phrionns’ agus an Diùc òl anns a’ chànan chianda, agus thaitin e ro mhath ris na Gàeil, am Prionnsa’ bhi cho toigheach air a’ Ghàelig. (Ri leantuinn.) Tha teas mor ann an Sasunn o chionn dha no tri sheachduinean, agus tha moran ’nan laidhe tinn le bualadh-gréine. Ann an Lunnainn bha an teas uair us uair cho àrd ri 120° anns a ghréin agus 84° anns an dubhar. Cha’n eil muinntir na seann dùthcha cleachte ri teas cho mor, agus mar sin tha iad a’ cur ann barrachd uibhreachd air. [TD 27] [Vol. 9. No. 4. p. 3] A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. IV. MAIRI ’S A’ PHRIOSAN. Cha robh a bheag de mhothachadh aig Mairi ’nuair a bha iad ’ga slaodadh do’n phrìosan. ’Nuuir a thainig i uice fhéin, bha ì ’gal ’s ag osnaich,a’ fàsgadh a lamh, ag ùrnaigh, ’sa tuiteam sios air an leabaidh, ciosnaichte le geilt ’us mulad, gus ma dheìreadh ’na thuit i seachad ann an cadal ’s a sùilean fliuch le deòir. Dhùisg i ’n uair bu duirch’ an oidhche. Bha e dorcha mu ’n cuairt dhi agus cha deanadh i am mach ni sam bith. Cha do chuimhnich i fad ùine mhoir, c’ ait an robh i. Bha trioblaid an fhàine di mar aisling oillteil; agus bha i ’smaointean an toiseach gu’n robh i ’na leabaidh fhéin. ’Nuair a shaoil leatha bha i dol a dh’ fhaighinn beagan toileachaidh, dh’ fhairich i na geimhlean fuara ri fuaim uamharra air caol a da làimh. Dh’ éìrich i le geilt o ’n leabaidh chonnlaich. Thuit i rithisd sios air a glùinean, agus ghlaodh i ’mach: “O ciod e ’ni mi, ach mo làmhan ceangailte, a thogail riutsa, O Athair ghràdhaich! Seall a nuas orm anns a’ phrìosan so, agus faic mi ’an so air mo ghlùinean. Tha fios agad gu bheil mi neo-chiontach! Is tusa fear-dion nan neo-chiontach. Teasraig mi. Gabh truas dhiom, gabh truas de ’m sheann athair bochd! O deonaich sòlas crìon air choir eigin da ’chridhe, agus tuiteadh gach bochdainn dùbailt’ ormsa! Nuair a chuimhnich i air a h-athair, shil a suilean gu frasach. Chaill i ’bruidhinn le amhghair ’us le mulad. Bha i ’caoineadh ’s ag osnaich fad uine mhoir. Aig a cheart am so, a’ ghealach, a bha uige so air a falach le neoil dhubha, shoillsich ro’n uinneig bhig dhorcha, agus thilg solus air ballachan a phrìosain. Le solus na gealaiche, chitheadh Mairi gu soilleir ceithir ballachan a’ phrìosain chaoil, a’ chlach gharbh, dhubh air an robh iad air an deanamh, an t-aol-tàthaidh geal eatorra, a spreoid a bha mach a cuil air son bord-bidhe, an da shoitheach neo-fhinealta a bh’ air a’ bhord, agus gach cuiseag fhodair a bha deanamh suas na leapadh aice. Dh’ fhas cridhe Mairi ni b’ aotroma ’n uair a dh’ fhalbh an dorchadas a bha mu ’n cuairt oirre. Bha ’ghealach a’ sealltuinn mar shean bhana-charaid. Ars ise, “Bheil thu tighinn a ghealaich chaomh, agus a faicinn do bhan-charaid bheag ann an so? O, air am eile bha thu soillseachadh a stigh dha m’ sheomair beag, troimh dhuilleagan nam fìonan, bha do sholus na bu bhoidhche na tha e ’n drasda, a’ tighinn tromh na slatan iarruinn tiugha, dorcha so. Am beil thusa, cuideachd, a caoidh maille riumsa? Ah, cha do smaointich mi riamh gu ’m faicinn thu ’s an doigh so! Ciod tha m’ athair a’ deanamh an dràsda? Am beil e fhathasd ’n a dhùsgadh, agus am beil e ’gal ’s a’ caoidh mar tha mise? O nach faodainn fhaicinn car tiota beag! Thusa, ’Ghealach chaomh, tha thu faicinn mar an ceudna ’stigh ’na phriosan-san! O nach b’urrainn duit bruidhinn los gu ’n innseadh tu dha mar tha a Mhairi ag caoidh sa’ gal air a shon! Ach cho amaideach ’s a tha ’m bron a’ fàgail mo bhruidhne! Thoir mathanas domh, a Dhia, anns na briathran diomhain so! Tha thusa ’faicinn a stigh am priosan m’ athair! Tha thu ’gar faicinn le cheile! Tha thu faicinn ar cridheachan! Cha n’ ’eil ballachan no slatan iaruinn a’ cur bacadh air do chumhachd-sa. O co-fhurtaich air ’na’ dheuchainean.” Thug Mairi a nise fonear gu’n robh fàileadh cùbhraidh air feadh a’ phrìosain. Anns a’ mhaduinn chuir i gucag letheach sgaoilte, a thug i as a’ bhascaid, comhla ri flùrs eile air an robh meas sonruichte aice, ’na broilleach. ’S iad so ’bha ’n drasda ’toirt seachad an fhàile chùbhraidh. ’Nuair thug i ’n aire dhaibh ’na broilleach, thubhairt i, “am beil sibh an sin, a fhlùranan gaolach, agus am feum sibhse, a chreutairean neo-chiontach, searg maille rium-sa anns a’ phrìosan? Cia mar a choisinn sibhs’ e? Ach ’s e mo dhòchas nach do choisinn mise ’bhi ’n so na bu mhomha na sibh fhéin.” Thog i suas am bad fhlùrs agus thoisich i air coimhead orra ri solus na gealaiche. “Mo chreach!” ars ise, “anns a’ mhaduinn ’n uair a bhuain mi a ghucag-ròs so agus na flùrs eile ri taobh an uillt a bha ’s a choimhearsnachd, co a chreideadh, m’an d’ thigeadh an oidhche gu’m bithinn ’n am shineadh ’s a’ phriosan so! ’Nuair a bha mi fithe nam fleasgan so airson na bascaide, co a chreideadh gu ’m bithinn a cheart latha sin a cosg nan slabhraidhean iarruinn so? Tha h-uile rud a th’ air uachdar an talmhainn cho neo-chinnteach so! Is beag tha fhios aig duine c’ uin a dh’ fhaodas ’fhortan caochladh, no gu de a chrioch a dh’ fhaodas tighinn air na gniomharan a’s neo-chiontaich, air uairibh! Tha réusan mor agaìnn a h-uile maduinn air curam faiceallach Dhé iarraidh gu dùrachdach.” Thoisich i ri gal as ùr: thuit a deoir sios air na flùrs agus bha iad a soillseachadh mar dhealt’ ann an solus na gealaiche. “Esan nach dean diochuimhn’ air na flùrs agus ’tha cur uisg’ is dealta ’gan ionnsaidh, cha’n urrainn dha diochuimhn’ a dheanamh orm-sa,” ars ise. “O, Athair ro-ghradhach, dòirt earbsa ’n am chridhe agus ’an cridhe m’ athar, ionnas mar tha thu ’lionadh copain na flùrs le dealta ghlan nan spéur!” Le deoir ’na ’suilean, chuimhnich i air a h-athair. “Mo chreach, a dheagh athair,” thuirt i, le osna throm, “’nuair a sheallas mi air a’ bhad fhlùrs so, tha moran dheth na thuirt sibh rium mu ’n deibhinn a tighinn gu’m chuimhne! Thainig a ghucag-ròs so fo bhlàth a measg nan drisean: mar so faodaidh toilinntinn eirigh á bròn! Neach sam bith a dh’ fheuchadh ris a ghucag so fhosgladh ni bu luaithe, mhilleadh e i. Dh’ fhosgail Dia a flùranan lag, boidheach uidh air n-uidh, mar gu’m b’ ann le meoirean aotram, finealta, agus sheid e a stigh ’n a cridhe a’ chubhraidheachd fhiachail so. Cuiridh e, mar an ceudna, an dara taobh mo dheuchainean-sa, agus bheir e’n uachdar am mathas sin tha iad a’ falach. Feithidh mi gu faighdeannach gus an d’ thig an t-am, a chi Esan iomchuidh, ma’n cuairt. Tha am fluran so, forget-me-not, ’cur ’n am chuimhne a cruthadair! “Feithidh mi, a’ Dhia ghràdhaich! Cha diochuimhnich mi Thu, a chionn tha cuimhn’ agads’ ormsa. Tha dath gorm nan speur fhéin air na flùrs so. A measg gach trioblaid shaoghalta bithidh stéidh mo dhòchais anns na Flaitheas. ’An so tha peasair-mhillis le cuid maoth dhuilleagan geal is dearg! Snagaidh am plannt lag so anns an eabar mur am faigh e cuideachadh; ach ma ghreimicheas e air slatag sam bith faisg air, fàsaidh e suas, thig e fo bhlàth agus sgapaidh a chuid dhuilleagan ’an astar mun cuairt: ceart mar so a ghreimicheas mise ort-sa, a Dhia, gus mo theasragainn bho gach bron agus trioblaid shaoghalta.” “Ach ’se ’m flùran so, am mignonette, gu h-àraid a chuir am fàileadh cubhraidh cho mor air feadh a’ phrìosain. A fhlùranan millis, uasal, tha sibh ’toirt mor thoileachadh eadhon dhomsa, a bhuain sibh, le’r cubhraidheachd. Bithidh mise, cuideachd, coltach ribh-se, agus bithidh mi math do ’n fheadhainn sin, ged nach d’ rinn mi an coire, a shlaod mi as mo ghàradh, agus a thilg mi anns a’ phrìosan so.” “Ann an so tha cuiseag de ghille-fionn (periwinkle). Fanaidh so ùrail, eadhon ’s a’ gheamhradh, agus cumaidh e suas ann an duldachd na bliadhna, duilleagan boidheach gorm an dòchais! Cha chaill mise, cuideachd, mo dhòchas, an am na deuchainn. An Dia a chumas am plannta beag, lag so suas an teis meadhan stoirmnean a’ gheamhraidh, ’s urrainn mise ’theasragainn a measg gàbhaidh mo thrioblaidean” Ann an so, a rithisd, tha da dhuilleag far craoibh laibhreis (laurel tree). Tha iad so a cur ’n am chuimhne a chrùin bhuain laibhreis sin a tha feitheamh, anns na Flathas, air gach aon a dh’ fhuilgeas le foighdinn agus umhlachd. Tha e air a ghleidheadh domhsa; cha mhor nach faic mi e air a chuartachadh le gathan òr-bhuidhe, an crùn neo-sheargte, glormhoir na buaidh! Tha flùrs na talmhainn, coltach ris gach toileachadh saoghalta, neo-mhaireannach; seargaidh iad uile air falbh. Ach, an deigh trioblaidean gearr an t-saoghail so ’dhol seachad, tha am feitheamh oirnn gu h-ard, toileachadh agus glòir a bhios neo-bhàsmhor agus maireannach.” Anns a’ cheart am so thainig neul dorcha air a’ ghealaich. Cha bu leir do Mhàiri na flùrs na b’ fhaide, agus lion dorchadas eagalach am prìosan. Thuit a cridhe sios uair eile. Ach ’an uine ghoirid chaidh a’ neul seachad, agus shoillsich a ghealach gu boisgeil mar a rinn i roimhe. “Direach mar so,” arsa Màiri, “theid neo-chiontas a dhubhadh car uine; ach air a cheann ma dheireadh, dealraidh i a mach a rithisd boidheach agus glan. Direach mar so, a Dhia, a bheir thu ’n uachdar an deagh am mo neo-chiontachd-sa, as gach cuis-dhitidh mheallta, ged a tha i air a falach, an drasda, le ceo trom, tuigh an amharuis.” Leig Mairi i-fhein sios a rithisd air an leabaidh chonnlaich, agus chaidil i gu sitheil, le earbs’ ùr. Chunnaic i aisling bhoidheach ’na cadal, a thug socair inntinn dhi agus a thug togail air a spiorad. Chunnaic i i-fhein a bhi dol mun cuairt ann an gàradh coimheach, ri solus no gealaiche, an gàradh air a shuidheachadh an teis meadhoin coille mhoir ghairbh ghiubhais; bha e do-innseadh eireachdas agus a mhaise. Chunnaic i a h-athair, cuideachd, anns a’ ghàradh eireachdail so. Shoillsich a ghealach air a ghnuis aoidheil, fhiachail. Ruith e ’ga ionnsaidh, agus shil i air ’amhaich, le toileachadh, moran de dheoir leis an robh a gruaidhean fliuch ’nuair a dhuisg i. (Ri leantuinn.) Ceithir-La-Deug ann am Fion-Lios. Air a leantuinn. Air feasgar na Sàbaid thàinig mu dhà fhichead de dhaoine oga, fir is mnathan, a nuas thar a mhonaidh gu tòiseachadh air buain nan dearc aig sèa uairean maduinn Di-luain. Thug so gu m’ chuimhne mar a b’ àbhaist do na Gàidhil dol ’n an buidhnean do ’n Ghalldachd thun na buain. Oir thàinig a mhuinntir òg sin á tìr nam beann aca-san, agus cha robh cuid dhiubh eu-coltach ri muinntir nan eilean againn, ’nan dreach, agus dath an sùilean. Bha sinn tràth air ar cois air madainn Di-luain, agus bu chridheil an sealladh na daoine òga fhaicinn araon dithis is dithis, tarruing nan stòpan mora, luchdaichte le bagaidean, o na mnathan a bha ’g am buain, ’s ’g an giùlan eatorra do ’n t-seileir. B’ aluinn an sealladh, mu ’n cuairt oirnn air a h-uile taobh daoin’ fhaicinn a trusadh nam fion-dhearc, cha ’n e ’mhàin ann an aon ghàradh, ach air gach druim, is slios, air gach bruthach agus gleann, a tarruing nan luchdan troma a dh’ ionnsuidh nan amar-bruthaidh, a seinn aig an obair aoibhinn. (Air a leantuinn air taobh 30.) [TD 28] [Vol. 9. No. 4. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh do n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, IULAIDH 27, 1900. Chulas moran, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais mu bharail a bha measg dhaoine gu’m bu chòir an Impireachd Bhreatunnach a bhi air a h-aonadh gu h-iomlan fo aon Ard-phàrlamaid. Bhiodh a pharlamaid sin a’ deanamh reachdan do gach dùthaich us roinn a tha ’g aideachadh uachdaranas a chrùin Bhreatunnach. Ach ’si bharail choitchionn a tha aig daoine an diugh nach eil e ’n dàn do ’n aonadh sin tigh’nn gu crìch, gu bheil na dùthchannan a tha fo riaghladh Bhreatuinn cho eadar-dhealaichte ann an iomadh dòigh ’s nach urrainnear laghannan no reachdan-cusbuinn a dheanamh a fhreagras dhaibh uile. Tha an Impireachd Bhreatunnach an diugh air a tàthadh ri chèile na’s dlùithe na bha i riamh roimhe. Cha’n eil àit’ anns an bheil a bratach an crochadh ri crann anns nach eil a h-iochdarain a guidhe sith agus soirbheachaidh dhi; cha’n e sin a mhàin ach tha iad a’ cruinneachadh as gach cearna dhe’n t-saoghal g’a cuideachadh, agus a dòrtadh am fala air a sgàth air raointean tetha, tioram Africa. Ged a bhiodh ard-phàrlamaid a’ suidhe ann an Lunnuinn anns am biodh daoine air an cur as gach cearna dhe’n domhain, tha e cho dòcha nach biodh an Impireachd cho aonaichte ’sa tha i aig a cheart àm so. Chaidh mu aona ceud deug dolar a chur cruinn an an New York o chionn ghoirid air son cuideachadh le bantraichean us dileachdain nam Boereach a chaidh a mharbhadh ’sa chogadh. Bha coinneamh mhor air a cumail aig an deachaidh moran òraidean a liubhairt air taobh nam Boereach ’s an aghaidh nam Breatunnach. Chaidh gach cosguis a bha timchioll na coinneamh sin a phàigheadh as an airgead a chuireadh cruinn; bha suimeannan mora air am pàigheadh air son fion, ceòl, agus giùlan luchd nan òraidean o chearna gu cearna de’n bhaile. Agus nuair a chuir an t-ionmhasair a stigh na cùnntasan, cha robh air fhàgail de’n aona ceud deug dolair ach ochd dolair dheug! Tha sinn an dòchas gu’m bi Crugar ’sa cho-luchd-dùthcha cho taingeil ’s is còir dhaibh a bhith air son an tabhartais sin. Cha’n eil teagamh againn nach robh “Oom Pol” a call cadal na h-oidhche le cùram a thaobh nam bantraichean ’s nan dileachdan a dh’ fhàg an cogadh air a làmhan, ach ’nuair a ruigeas na h-ochd dolair dhug ud á New York e, cha bhi an cor bochd a cur an còrr iomguin air. Tha treibh de dhaoine beaga a chomhnuidh ann an Africa Mheadhonach, na daoine ’s lugha tha ri ’m faotainn air an t-saoghal. Air an t-samhradh so, chaidh buidheann Ghearmailteach d’ an dùthaich agus ghlac iad àireamh de na daoine so air son an toirt dh’ ionnsuidh na féille moire tha dol air adhart ann am Paris. Ach chaidh an t-Easbuig Tucker a dh’ obair gu duineil air son an saorsa thoirt dhaibh; fhuair e na Breatunnaich gu dhol ’san eadraiginn agus b’ fheudar do na Gearmailtich leigeil leis na daoine beaga dhol air ais do’n dachaidhean coillteach féin. Air an t-seachdamh latha deug dhe ’n mhios so, chaidh coignear dhaoine a chur dh’ an tigh-obrach fad bliadhna, sianar do ’n phriosan fad shia miosan, agus ùmhladh a chur air gach fear dhiubh a bharrachd air sin o leth cheud gu ceud gu leth dolair, air son a bhi creic deoch làidir air Di-donaich. Rinneadh so, cha b’ann am baile Shidni, d’ an goirear ceanna-bhaile Cheap Breatunn, ach ann an Camden, ceanna-bhaile siorrachd ann an New Jersey. Tha nise dha no tri bhliadhnaichean o’n chaidh Andre a dh’ fheuchainn ri ceann a tuath an t-saoghail a thoirt am mach, agus tha e gun tilleadh fhathast. Tha nise tri buidhnean de dhaoine air falbh as an Roinn-Eorpa ’ga shireadh. Cha’n eil mor dhùil aig daoine gu faighear aona chuid Andre no sgeul air, ach meudaichidh turas nan daoine tha dol ’ga iarraidh eòlas a chinne dhaonna air an earrain sin dhe’n t-saoghal. Tha corruich mhor air na Gearmailtich air son mort an teachdairean ann an Sina, agus cha’n cil e nise sabhailte do ’n teachdaire Shineach no d’a luchd-leanmhuinn iad féin a nochdadh air sràidean Bherlin. Chaidh fear no dha dhiubh a chlachadh leis an t-sluagh cheana. Tha mu mhile de luchd-imrich á Iceland air tighinn do Chanada o thoiseach na bliadhna. Tha iad so ’nan sluagh math a bhios ’nan neart agus ’nan creideas do’n dùthaich an ceann beagan bhliadhnaichean. Tha iad fada air thoiseach air na Galicians agus na Doukhobors a thainig re an da bhliadhna chaidh seachad. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29, 1900 1yr Iadsan a Phaigh. Seumas Jack, Peterboro, Sasunn Iain Jack, Caisteal-Ruadh, Alba An t-Urr. Iain Noble, Lairg, Alba An t-Urr. N. Caimbeùl, Craoich, Alba Bean Iain Dughlaich, Mooreton, Dakota. Iain Domhnullach, Cnoc nan torran, Alba. Eachunn Mac Fhionghain, Priceville, Ont. Alasdair Mac Eàlair, Penetang, Ont. Alasdair Buchanan, Braidalbainn, E. P. I. D. Mac-’Ille-Ghlais, Baile nan Reul, N. S. A. Domhnullach, Allt Mhic Ara, N. S. Domhull Domhnullach, Montreal. Michael Mac Fhionghain, Sidni. Bean Dhomhnuill Dhomhnullaich, Sidni. Somhairle Mac-a-Phearsain, Sidni. Gilleasbuig Mac Fhionghain, Beechmont. Eachunn Mac Neill, Baddeck.. Mor A. Mic Gillean, Loch Ainslie. M. B. Domhnullach, na Narrows Mhora. Ruairidh Domhnullach, Loch Ghabarns. Bean Sheumais Johnstone, Cobh a Bheabheir. An t-Urr. W. A, Mac-a-Phearsain, Johnstown. Aonghus Mac Cuthais, Seana Bhridgeport. An t. Urr. Callum Mac Leoid, Baile nan Gall. Alasdair Dùghlach, S.W. Margaree Niall Mac Gilleain, Fourchu. Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove. Seumas Patterson, Sydney Forks. Coinneach Mac Gill-fhinnein, Amhuinn Mheadhanach. M. D. Caimbeul, Baoghardal. Iain Mac Aonghais, Gleann nan Sgitheanach. Tormad Mac Leoid, Reserve Mines. Iain S. Gillios, Loch Ainslie. Padruig S. Mac Neill, Irish Cove. Caitriona Chaimbeul, Bras d’Or Beag. Padmig Dughlach, Loch Uidhist. E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhenis Ailean I. Gillios. S. W. Margaree. M. S. Ghillios. S. W. Margaree. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B. [TD 29] [Vol. 9. No. 4. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha geamhradh tràth aca ann an Australia, agus tha stoirmeannan agus tuiltean mora ann o’n thòisich e, a’ cur call mor air an dùthaich. Tha an sneachda ann am moran àiteachan ochd troighean a dhoimhnead. Chaidh an t-Urr. Murchadh A. Buchanan a phòsadh ris an eaglais chléirich ann an Louisburg feasgar Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. ’Se Mr. Buchanan a’ cheud mhinisteir suidhichte anns an eaglais sinn, agus ’se ar guidhe dha gu’m bi soirbheachadh mor leis. Chaidh mac an Dr. Borden, a bha ’na mhàidsear ’sa cheud reiseamaid a chuir Canada a dh’ Africa Deas, a mharbhadh leis na Boerich toiseach na seachdain s’a chaidh. Bha e ’na dhuin’ òg foghainteach, treun, agus gle mheasail aig a chompanaich. Cha robh mac aig ’athair ach e fhéin. Phàigh cuideachd a’ ghuail, air an t-seachdain s’a chaidh, còrr us deich mile fichead dolair do’n luchd-obrach, tuarasdal seachdain. ’Se so suim cho mor ’sa phàigh aon chuideachd ann an Ceap Breatunn riamh air son obair seachdain, agus tha e nochdadh gu bheil na mèinnean guail air an deagh obrachadh air an t-samhradh so. Bha ’n t-side gu math teth air an t-seachduin so, agus a leantuinn an uisge bh’ ann o chionn ghoirid, thig adhartas mor an an fheur ’s air gach seòrsa barra. ’S i barail nan tuathnach an nise gu’m bi am feur beagan anmoch ach gu’n bi e pailt cho trom ’sa b’ àbhaist dha bhi bliadhnaichean eile. Tha teas anabarrach ann an Boston aig an àm so. Tha daoine air am bualadh leis a ghréin gach latha, agus tha àireamh mhor each a’ bàsachadh. Tha h-uile neach is urrainn sin a dheanamh a’ fàgail a’ bhaile ’sa dol thun nan cladaichean no mach do ’n dùthaich Agus tha moran a th’anns a bhaile sin mhuinntir na dùthcha so a tigh’nn dhachaidh gus am bi an aimsir theth seachad. Ann an Regina, ’san Iar Thuath air an t-samhradh so, bha moran theintean a’ bristeadh a mach ann an saibhlean ’s an taighean fàs air feadh a bhaile, ’s cha robh fhios ciod a b’ aobhar dhaibh. An la roimhe dh’ aidich dithis ghillean beaga, bràithrean, gu’m b’iadsan a bha fadadh nan teintean air son spòrs dhaibh féin. Cha ’n eil na gillean ach sia us ochd bliadhna dh’ aois. Toiseach an t-samhraidh so, fhuaireadh corp duine anns an uisge aig ceann laimhrig an acarsaid Louisburg. Dh’ aithnicheadh gu’m b’e bh’ ann corp fir Aonghas Mac Leoid, a bha air chall ceithir no coig a mhiosan roimhe sin, agus tha àmhrus làidir gu robh làmh aig cuid-eigin ’na chur a dhith. Chunnacas e mu dheireadh tri latha ’n deigh na Nollaig ’na shineadh faisg air an stor aig Snow; cha deachaidh cùram sam bith a ghabhail dheth, agus cha ’n fhacas tuilleadh e gus an d’ fhuaireadh a chorp anns an acarsaid. Chaidh duine bha ’g obair air an rathad-iaruinn ùr a thatar a’ togail an siorrachd Inbhirnis, a mharbhadh faisg air Mabou, le spraidheadh dynamite, Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha triùir eile air an goirteachadh aig an aon àm. Chaidh each le Iain Bertram & Co., a bhàthadh aig laimhrig Ingraham feasgar Di-luain. Chaidh e thar na laimhrig an comhair a chùil, le carbad a bha e tarruinn, agus chum cudthrom a charbaid fo ’n uisg’ e gus an robh e bàite. B’ fhiach an t-each ceud gu leth dolair. Bidh iadsan a tha trom air an ti duilich a chluinntinn mu’n ar-a-mach a tha ann an China. ’S ann ’s an dùthaich sin a tha chuid mhor dhe ’n ti a fàs; cuiridh an troimhe-chéile grabadh mor air a togail; ’s dual dhi mar sin fàs gann, agus cho luath ’sa dh’ fhàsas i gann, fàsaidh i daor. Thachair sgiorradh muladach faisg air Victoria Park maduinn Di-dònaich s’a chaidh. Bha gille beag d’ am b’ ainm Eoseph Domhnullach, aois thri bliadhna, a cleasachd air an t-sràid, agus chaidh e tuilleadh us faisg air each a bha ciromadh ri taobh an rathaid. Bhreab an t-each e, agus chaochail e am feasgar sin fhéin. Chaochail an t-Urr. Francis I. Domhnullach, sagart St. George’s, an Eilean a Phrionnsa, air an naodhamh latha dhe’n mhios so. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus bha e ’na shagart fad tri fichead bliadhna. B’e an sagart bu shine bha ’n Canada, araon am bliadhnaichean agus ann an dreuchd na sagartachd. Rugadh e air an Eilean; fhuair e fhoghlum ann an Cuebec, agus chuir e seachad a bheatha a saoithreachadh anns an aon pharaiste. BAS. Am Broad Cove, Siorramachd Inbhirnis, air an 8mh la de Iulaigh 1900, Gilleaspuig Mac Illeollain—“Gilleaspuig Mac-an-Taillear.” Rugadh e am Morair, Siorramachd Inbhirnis, Albain,. air an 8mh la de ’n Mhaigh 1805. Thainig e do’n dùthaich so ’sa’ bhliadhna 1815, agus dh’ fhuirich e coig bliadhna air an Abhainn-a-Deas, Antigonish. Thainig e fhéin ’s an corr de ’n teaghlach do Bhroad Cove ’sa bhliadhna 1820, far an do shoirbhich leotha gu math. Phòs e Mairi Nic Pharlain ’sa’ bhliadhna 1828. Thog iad teaghlach mor, agus tha ’n cuid oghaichean is iar-oghaichean gle lionmhor. Tha a bhean tapaidh fhathasd. Bha e ’na dhuine measail ’s na dheagh Chriosduidh. An deireadh a làithean, theann e ri bàrdachd, agus am measg chàich rinn e oran boidheach do MHAC-TALLA. Lan tomhas, fior ghlan, agus an séorsa ’s fhearr a chaidh e chreic riamh air a phris. Sin an cliù a choisinn Union Blend Tea, a tha air a creic ann am pasgan luaidhe air 25, 30, 35, agus 40 rent am punud. Iuchair anns gach pasg puinnd. $400 don luchd-ceannach truth an Desember. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. Fhuair sinn an diugh 500 Paidhir de bhrogan fhirionnach Dong. Bals. Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1.25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1.40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar. Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn. Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta. H. H. Sutherland & Co. Stor Airgeid na h-aon Phrise. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 30] [Vol. 9. No. 4. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 27.) Aig dà-uair dheug sguir an obair fad uair an uaireadair, agus thàinig an luchd-trusaidh thun am bìdh. Cha robh iad a faotainn ach dà thràth ’s an latha; aon aig meadhon-là, agus tràth feasgair an déigh sgur aig sèa uairean. Air na buird bha truinnsear air son gach pearsa, agus làimh ris, sgonn mhath de bhrochan min-Innseanach, cho tiugh air a bhruich ’s gun robh e air a ghearradh le sgithin. ’S iad na Roumànaich, na h-Eadailtaich, agus na h-Albannaich trì slòigh na Roinn-Eorpa a tha ann an cuid mhòr a tighinn beò air am brochan. ’S e “mama-liga” ’their iad so ris. Bha ’n deadh staoig mhath aig gach aoin, an àit’ arain, na buntàta. Bha brot feòla ann agus gu leòir de chàl ’s do fheòil, agus sin air an dà thràth. Cha ’n ’eil teagamh nach robh e glé bhlasda leò, sgìth le ’n obair. Bha iad uile gu leir nan’ suidhe air an lar, ged a bha cuid cho pongail gu ’n do chuir iad còta na ball aodaich eile fodhpa. Chaidh latha na dhà seachad mu’n d’ fhuair mi ’mhisneach dol sios ’nam measg. Cha robh mi diomhanach air a shon sin. Bha duine geur-chuiseach, fiosrach d’ am b’ ainm Ioseph, thairis air gnothuichean an tighe againn. “Ioseph,” arsa mise ris latha, ’n uair a bha sinn a mach ’s an lios, “Co dhiubh ’thatar a cur fras, na ’stobadh fàillean anns an talamh ann an suidheachadh gàradh fìona mar so?” Rinn Ioseph snodha gàire. “Cha’n ’eil fìonain anns an ghàradh nach fheum a bhi air a suidheachadh ann an freumh freagarrach, air neò cha bhi math ann!” “C’ ar son sin?” dh’ fharraid mi. “A chionn, as eugmeais sin ge b’e air bith cho fallain ’s a dh’fhaodadh e bhith, ’s e torradh fiadhaich a ghiùlaineadh e.” “Seadh, Seadh!” thuirt mi ’am inntinn fhein, “’S furasd a thuigsinn a nis c’ ar son a dh’fheumas làmh an Athar na geugan a shuidheachadh anns an Fhionain fhior, Freumh agus Gineail Dhaibhidh!” Latha na dithis os deigh so ghuidh mi air Ioseph mo thoirt a dh’ fhaicinn obair bruthaidh nam fiondhearc. Bha so a gabhail àite anns an roinn gu h-ìosal do ’n tigh; sin r ’a ràdh, an t-urlar fodhainn, a bha ’na dhà sheòmar eile air son seileir, agus anns an robh na togsaidean air an cliathaich, gach aon air furm iosal, g’a chumail bhar an urlair. Chaidh sinn a stigh an toiseach gu àite saltart an fhiona. Bha aig taobh thall an t-seilleir, armar fhada, air furm mar a bhios againne aig lomadh nan caorach. Bha ’n ceann shuas dheth beagan na b’ àirde na ’n ceann a bhos, agus bha ’n ceann a bha ruinn mar shiolachan. Fo ’n t-sìolachan so bha tuba mhor air son sùgh nan dearc a cheapadh. Bha tuba mhòr eile làimh ris, le faradh beag ann. Anns an amar bha da ghille òg ann an deise chotain, dearg a suas gu ’n troidhean ann an fuil nan dearc. Bha dithis eile a frithealadh, ann an tarruing an t-suigh as an tuba, agus ’g a chur ’s na togsaidean. Aig an tuba eile bha dithis a frithealadh dhoibhsan a bha ’tarruing nan dearc. Thainig paidhir dhiubh ’stigh le stòp fhada làn dhearcan. Leig iad sios i bhar an guailibh oir bha i air a giùlan eatorra air rong a bh’ air a cur roimh chlusan an stòp, agus chuir iad na dearcan troimh chéile le maide, ga ’m briseadh gu math mu ’n do thaom iad a mach iad ’s an tuba. Lion an dithis a bha frithealadh, poca làidir cainb leis na dearcan a bha mar so air am bruthadh, chuir iad am poca air rongais an fhàraidh, ghabh iad aige, agus thog iad a null e thun an amair gu bhi air a saltairt, leis na pocaichean a bha ann cheana. An uair a bha na pocaichean air an saltairt gu math, chaidh an toirt as, agus chaidh a chnàmhag a thilgeadh an ann soitheach air leth, gu spiorad-fiona dheanamh as. Bha ’m fion a ruith na alld ruamailte as an t-siolachan, agus bha e a cumail na dithis a bha frithealadh gu math trang. “Am bu mhath leibh am fìon ur a bhlasad?” dh’ fheoraich Ioseph. “Bu ghle mhath leam e,” fhreagair mise. Aig facal uaith, thog fear de na gillean làn gogain agus chuir e ri m’ bhilean e an am prioba. ’S ann a ghabh mi athadh mo bueul a chur ri a leithid de lan-soithich. “Olaibh e! òlaibh e!” ars Ioseph,agus dh’ òl mi deoch nach dìchuimhnich mi ri m’ bheò. B’ e sin an deoch gu dearbh! Chaidh sinn a sin a stigh far an robh na togsaidean. “A nis,” arsa mise, “c’ uin a thoisicheas am fìon so ri oibreachadh?” “Cuiribh ’ur cluas ris a cheud togsaid a chaidh a lionadh a chionn ach beag seachduin, agus cluinnidh sibh a ghoil air toiseachadh.” Agus cinnteach gu leòir, bha e direach mar a thubhairt e. “C’ uin,” thubhairt mi ’rithis, “a dh’ fhaodadh so a bhi air a reic?” “An ceann shèa miosan; ach bhitheadh e cho ruamailte ri uisge nan soitheachan; cha ’n òladh coigreach e le mòran tlachd, bithidh e cho geur. Tha ’m fìon coitchionn, aig sèa miosan a dh’ aois air a reic air son dà sgillinn ’s bonn na séa am botal. Ach ’s ann air son uis an tighe ’tha ’m fìon so, mar sin cha ’n ’eil cùram air a ghabhail gu aon seorsa ’chumail air leth o sheòrs’ eile. A thuilleadh air sin, cha ’n ’eil na dearcan so de sheòrsa làidir gu leoir air son gleidheadh; mar sin cha ’n ’eil uidhir chùram m’ an deanamh.” “C’ uin a dh’ fhasas an fion glan, Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. [TD 31] [Vol. 9. No. 4. p. 7] soiliear mar tha ’m fion ceannaich; Am bheil sibh a cur branndaidh ann?” “Cha ’n ’eil sion. Ach tha ’m fion a tha ri ghleidheadh air a thaomadh bhar a dheasgainnean aig ceann gach bliadhna; air an doigh so, mar is sine e ’s ann is gloine bhios e. Tha fion a tha còig na sèa bliadhna dh’ aois mar nach olc, ach theid e ealamh gu ceann duine. Tha fion na deich bliadhna ciatach, a chionn tha ’bheirm ach beag air a neart a chaitheadh. Mar is sine fion ’s ann is feàrr e, oir cha teid am fion a th’ air sgur a dh’ oibreachadh gu ceann duine na ’s modha na fion ùr.” “Seadh,” arsa mise là eile ri Ioseph, “ma tha sibh cho math dheth thaobh an fhiona, cha ’n fhaod e bhi gu ’m bheil drongair ’n ’ur measg?” “Nach ’eil? fhreagair e, “tha ’m facal cumant’ againn—“Cho misgeach ri Pòlach.” Chaidh e air adhart—“Nach d’ thug sibh riamh an aire do ’n stroilich ’s a ghleadhar a bhiodh a dol air adhart air uairean ’an aite-codail nan seirbheiseach, aig an taigh?” “Thug,” fhreagair mi, “ach ciod am fios a bh’ agamsa ciod a bh’ ann.” “Matà, ’s e Petri a bh’ ann a gabhail air a bhean.” “S nach d’ thug sibh riamh an aire cho bitheanta ’sa tha duilleag chail agus bréid mu cheann goirt Nicolai? ’S nach d’ thug sibh an aire cho ainmig ’s a tha ’n cocaire ’na thùr ’s na thoinisg fhéin? Cha ’n ’eil ann ach duin’ òg, ach shaoileadh duine gu’n robh e suas eadar dà-fhichead ’s leth-cheud a chionn tha e gun tàmh a rugaireachd am measg dibhe.” “Ciod an uidhir a dh’ òladh duine do ’n fhìon choitchionn mu ’n aithnicheadh sibh air e?” dh’ fheoraich mise. “Mu choig na sea de bhotail,” fhreagair Ioseph. “Mise ’n diugh! Chuireadh “tea” laidir air an daoraich duine mu’n deanadh am fion sin e! Feumaidh gur rugaire da rìreadh an còcaire ma ’s ann mar sin a tha?” “Cha ’n e idir am fìon a tha ’gam fàgail uile ’s an t-suidheachadh a dh’ ainmich mi ach deoch làidir.” “Ciod ris an abair sibh deoch-làidir?” “Tha ioma seòrs’ ann dith; Tha Spiorad-fiona air a dheanamh a cnàmhag nan dearca-fìona; ach an deoch-làidir is cumanta ’s i béisdealachd a tha na Ruisianaich a deanamh as an reis (rice). Ach ciod e as nach deanar branndaidh? Tha branndaidh nan guigis cumanta, ach ’s i branndaidh nam plumbais is neo chronaile ’s aithne dhomh. Ach tha aon rud a dh’ innseas mise dhuibh, agus ’s e sin nach ceannaicheadh sibh am feasd am fìon a tha air a reic ’an Sasunn nam biodh fhios agaibh ciod an stuth a tha ’dol ann. Bha mise aig aon àm ag obair ann an ‘obair-fhion’ agus an déigh dhomh fhaicinn nn bha na marsandan fion’ a cur ann ’s mi nach òladh deur tuìlleadh dheth.” “Tha sibh eòlach air a bheoir cuideachd, oir ’s ann a dùthaich na beoir a thainig sibh; innseabh dhomh a nis ’ur barail air a bheoir?” dh’fharraid mi. “Tha i gle theòma air duine ’thionndadh gu bhi na bhuideal beoir e féin,” fhreagair Ioseph. “Tha mi ’dol a dh’ fheòraich aon cheisd eile dhìbh,” thuirt mi ris. “Ciod a bhuaidh eadar-dhealaichte a th ’aig na mùgha sheòrsaichean deoch thairis air duine?” Cha robh an fhreagairt fada ’tighinn, ged nach robh Ioseph de chomunn na stuamachd—“Theirinn so umpa; tha bheoir a deanamh amadan deth, agus tha ’bhranndaidh ’g a dheanamh ’na fhear-cuthaich.” Ré na h-ùine so bha mi ’cur eòlais air teaghlach a ghàradair. Bha bean laghach aige air an robh trioblaid mhòr a chionn nach b’urrainn duinn bruidhinn ri chéile uidhir ’s a bu mhath leinn. Ged a thuiginn a chuid mhòr de na theireadh i, cha robh mi ach gagach ann am freagairt. Bha aice leanabh bòidheach, balachan mu choig bliadhna dh’ aois anns an do ghabh mi tlachd. Bha e toigheach air dol leam a h-uile taobh. B’ainm dha Ionica, ’se sin, “Iain beag.” Cha robh de aodach air ach léin fhada, agus boineid chruinn de chraicionn uain. ’S ioma facal a dh’ ionnsuich e dhomh nach dìchuimhnich mi ’n ealachd. Air feasgar àraidh, an déigh do na h-uile duine bhi thairis le ’n obair, agus a’ gabhail toileacha anns an t sàmchair, thainig buidheann Cheàrd le ’n innealan-ciùil. Thrus a mhuinntir oga mu ’n cuairt doibh, agus thoisich a chluich. Shéid iad a suas a Phiob-shionnaich, agus innealan eile, rinn mu fhichead do na buanaichean cuairt, a beirsinn air lamhan a chéile mar a bhios clann na sgoil againne deanamh, agus chaidh iad mu’n cuairt ’s mu ’n cuairt, a cur sgaoim air a mhuic, ’s air na tunnagan a bha tighinn dachaidh o ’n sràid fheasgair. Ann uair a bha ’cheud bhuidheann sgìth dh’ éirich càch. Bha ’n garadair, ’s a bhràthair, ’gan cumail air adhart, chaidh Ioanica agus a sheanair a stigh am measg na cuideachd, agus mu dheireadh, thug bean a ghàradair an leanabh òg as a lamhan do aon de na h-ingheanan, agus, gu modhail, ghabh i stigh eadar a céile agus a bhràthair ’s chaidh i mu ’n cuairt le càch, a cumail tim ris a cheòl. Chaidh iad an sin roimh chleas eile ris am faodar “Cailleach a Chrubain” a ràdh. Chaidh a chluich so air adhart gus an d’ eirich a ghealach aluinn os an cionn; agus a dh’ fhas a chlann sgìth. Bha abhainn a dealradh mar nathair airgid am measg nam preasan shios air a chomhnard, agus gach creutair a gabhail gu fois an uair a dh’ fhalbh an luchd-ciùil. Gabhaidh sinne, cuideachd, ar cead do’n fhionlios aig an àm so, a tasgadh gach toileachadh agus buanachd a fhuair sinn, a suas ann ar cridhe. K. W. G. (A’ Chrioch.) DAIBHIDH GREOSGACH, CROM, CIAR. LE MR. AONGHUS MAC-GILLEMHOIRE. Ged a tha mo chorc an cunnart Bhith air a fhroiseadh gu buileach, Tha Daibhidh ag radh e dh’ fhulung, Nach dig e dhe ’n bheairt an duigh dhomh. Daibhidh Greosgach, crom, ciar, ’S gile ’n ròcais na bhian; Bha mi eolach ort riamh, Fear bu ghreallaiche fiamh. ’Dhaibhidh an deid thu bhuain? ’S gheibh thu paigheadh Di-luain. Nuair thogadh tu rithe ’h-aodach, ’S a lionadh tu balg na gaoithe, Cha bhiodh crann gun ròpan caol ris ’Toirt àbhsaidh o thaobh gu taobh dh’ i, Gur h-e ’m buamasdair blàr, ’Bheireadh ruaig air an spàl, ’M fear bu luainiche làmh Timchioll chuach ’sam biodh snàth. ’Dhaibhidh an deid thu bhuain? ’S gheibh thu paigeadh Di-lualn. Cha do chuimhnich mi do bhoineid, Air ’n do chàirich thu ’m breid soilleir, Air a chùl a tha neo-loinneil ’Dh’ fhàg na gadmuinn gartach, goirid. O, brògan ard air mo ghaol! Da chois stabhach ’s iad caol. B’ e sud meirleach nam faobh. Ceann nan cnàmh a dh’ fhàs faoin. ’Dhaibhidh, an deid thu bhuain? ’S gheibh thu pàigheadh Di-luain. Cha ’n iarradh tu solus gu d’ shuipeir Ach sàthadh crom mar a mhuc innt’; Bu leathann do lorg ’sa bhutar, Bhiodh forc nan coig meur ga ’phutadh. ’S tu nach iarradh an sgian Gu dhol siobhalt’ ’san im; Gu ’m b’ e ’n ordag do mhiann ’Cur greim glocach gu d’ bhial Dhaibhidh, an déid thu bhuain? ’S gheibh thu pàigheadh Di-luain. ’N fheusag a b’ fhaide gun bhearradh, Cha ’n fhagadh an siabunn glan i. Cha ’n fheil duine beo air thalamh A dh’ fhaodadh seasamh ri t’ anail. O! an tochd ’tha de ’n bheisd, Fuil is feoil agus créis, Tuiteam sios air a chléith; ’S tu bu chailtich’ air spréidh. ’Dhaibhidh, an déid thu bhuam? ’S gheibh thu paigheadh Di-luain. Griosgach, grinning; greallachd, dirty; gadmuinn, mialan; clèith, the dative case of cliath, the treadles of a loom. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. The Scotish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Aig an am so an tigh Iain Mhic Fhionghain, air Sraid Bhentick. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. [TD 32] [Vol. 9. No. 4. p. 8] Clann Alasdair. Bha da mhac aig Domhnall, gineadair Chlann Domhnaill, Aonghus Mor agus Alasdair; agus bha da mhac aig Aonghus Mor, Alasdair Og agus Aonghus Og. Tha cuid ag radh gu ’n dainig clann Alasdair bho Alasdair mac Dhomhnaill. Tha cuid eile ag radh gu’n dainig iad bho Alasdair Og mac Aonghuis Mhoir. Anns a bhliadhna 1366 bha cogadh ann an Eirinn eadar Domhnall O’ Neill agus Niall O’ Neill. Bha Tearlach Mor Mac Alasdair Oig air taobh Dhomhnaill. Chaidh Raonall Mac Alasdair, ceann-cinnidh Chlann Alasdair, a null a Albainn do dh-Eirinn a chogadh air taobh Neill. Anns a bhlar a chuireadh chaidh fear de mhic Raonaill a mharbhadh agus chaidh Alasdair mac Thearlaich Mhoir a ghlacadh na phriosanach. Bha cuid ag iarraidh Alasdair a mharbhadh, ach leig Raonall as e air sgàth a chairdeis a bha eadar e fein agus Alasdair. An nis cha ’n fheil iomradh againn air Raonall Mac Alasdair a bhuineadh do Thearlach Mor ach Raonall a bhrathair. Faodaidh cuid a radh nach biodh Tearlach Mor agus Raonall a bhrathair a cogadh an aghaidh a cheile. Cha ’n ann an aghaidh a cheile a bha iad a cogadh. ’S ann a bha iad a cogadh as leth dhaoine a thachair a bhith an aghaidh a cheile. Bha Tearlach Mor na cheannard sluaigh aig Domhnall O’ Neill, agus a fuireach ann an Eirinn; ach bha Raonall a fuireach ann an Albainn; cha do rinn e ach a dhol a null do dh-Eirinn a chur catha no dha. Tha e mar sin furasda gu leoir a chreidsinn gu’m faodadh Raonall Mac Alasdair oig a bhith air an darna taobh agus Tearlach Mor a bhrathnir air an taobh eile. Tha Uisdean Domhnallach, seannachaidh Shléite, ag radh gur h-ann bho Alasdair Og a thainig Clann Alasdair, agus tha Mac-Mhuirich, seannachaidh Mhic-’Ic-Ailein ag radh a cheart ni. A bharrachd air a sin tha Clann Alasdair iad fhein dhe’n bheachd gur h-ann de shliochd Alasdair Oig a tha iad. A rithisd bha aobhar aig sliochd Alasdair Oig nam beachd fhein air cul a chur ris na Domhnallaich, ach cha robh aobhar sam bith aig sliochd Alasdair, mac Dhomhnaill, air sin a dheanamh. ’Se Alasdair Og ’bu shine na Aonghus Og; ach chuir na Domhnallach cùl ri Alasdair Og agus ghabh iad a bhràthair, Aonghus Og, mar cheann-cinnidh. Thug am Brusach fearann Alasdair Oig do dh-Aonghus Og, agus tha e soilleir gu ’n robh Aonghus Og deonach gu leoir air an fhearann a ghabhail agus a chumail. Chunnaic oighre Alasdair nach b’ urrainn da a bhith na cheann-cinnidh air na Domhnallaich. Dh’ fhalbh e an sin agus rinn e cinneadh ur—Clann Alasdair. Cha robh aige ach beagan sluaigh, ach air a shon sin bha e na cheann-cinnidh. Faodaidh cuid a bhith dhe ’n bharail ma thainig Clann Alasdair bho Alasdair Og gu’m b’ e triath Chlann-Alasdair da rireadh ceann-cinnidh Chlann-Domhnaill. Cha ’n fheil an sin ach barail amaideach. Bha Clann-Alasdair nam fine leotha fhein, agus cha b’ urrainn fear de dh-aon fhine a bhith na cheann-cinnidh air fine eile. A bharrachd air a sin, chuireadh cul ri Alasdair Og mar cheann-cinnidh agus chuireadh Aonghus Og a bhrathair a staigh na ’aite. Ged a bha am mac bu shine am bitheantas a tighinn a staigh an aite ’athar cha robh e a leanachd gu ’m feumadh sin a bhith mar sin. Nan tachradh do ’n mhac bu shine a bhith na leth bhurraidh, saoil am freagradh e mar cheann-cinnidh? Ged a tha sinn gu làidir de ’n bheachd gur h-ann bho Alasdair Og mac Aonghuis Mhoir a thainig Clann Alasdair, cha ’n fheil sinn ag radh gu bheil am beachd sin ceart. Faodaidh e a bhith nach h-fheil. Rinneadh Tearlach Mac-Alasdair na bhàillidh air cinntire an 1481. B’ e Aonghus Mac-Alasdair, Aonghus mac Iain Duibh, tighearna na Lùib agus ceann-cinnidh Chlann Alasdair an 1515. B’ e Alasdair Mac-Alasdair an ceann-cinnidh an 1529, agus gu 1540. Thuit Eoin Mac-Alasdair, Eoin mac Eoin Duibh, tighearna na Lùib ann am blar an Eirinn an 1572. Thainig Alasdair a mhac a staigh na dheidh air an Lùib. B’ e Goiridh mac Eachainn Mhic Alasdair tighearna na Lùib an 1598. Fhuair Tearlach Mac Alasdair, a bha ’comhnuidh an Tairbeart, coir air beagan de dh-fhearann an 1580. Is ann bhuaithe a thainig Clann Alasdair an Tairbeirt. Bha feadhainn de Chloinn Alasdair ann an Arainn, ris an abairteadh sliochd Iain Uidhir Mhic Alasdair. Fhuair Raonall Mac-Alasdair, fear de ’n dream so, seilbh a air roinn mhath de dh-fhearann an Arainn an 1445. ’Se Goiridh mac Alasdair Bhig a bha air ceann Sliochd Iain Uidhir an 1581. Bha coig mic aige; Donnachadh, Alasdair, Domhnall, Iain Odhar, agus Tearlach. Tha Iain Dubh mac Alasdair mhic Raonaill air ainmeachadh an 1591. A. M. S. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Uaireadairean air prisean a tha ruith o $1.75 gu $200.00 AIG Bezanson ANNS AN Stor Ur Sheudan AIG K. Bezanson An Togalach Hanington, SIDNI, - - C. B. Ghibear an stoc a’s motha ’s a’s fhearr de dh’ Uaireadairean, Seudan, Bathar Airgeid, agus Innealan Ciuil a th’ann an Ceap Breatunn. Bidh e thoilicht thu thaghal air a dh’ fhaicinn a chuid bathair. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 33] [Vol. 9. No. 5. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OUGUST 3, 1900. No. 5. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. V. MAIRI AIR BEUL-THAOBH A’ BHRITHEAMH. Is gann a dhùisg Màiri, an uair a chaidh oifigeach a stigh do’n phrìosan, gus a toirt am mach air beul-thaobh fir-ceartais. Bhual crith i ’n uair a chaidh i ’stigh do’n t-seòmar àrd, dhorcha, le chuid uìnneagan shean-fhasanta, anns an robh na glaineachain beaga air an cur air an oir. Shuidh an t-àrd-bhàillidh ’na bhritheamh, ann an cathair mhoir air a còmhdach le aodach scàrlaid; beagan sios air shuidh an cleireach aig a bhord-sgriobhaidh, a bha air fàs dubh leis an aois. Chuir am britheamh moran cheistean oirre. Thug Màiri dha freagairtean firinneach; bha i ’gal ’sa caoineadh, ’s a cur an céill gu làidir a neo-chiontachd. Ach thuirt am britheamh: “Cha toir thu orm-sa rud nach gabh a bhith a chreidsinn ’an àite rud a ghabhas. Cha deachaidh duine ’stigh do’n rùm ach thusa. Cha’n urrainn am fàine bhi aig duine ’sam bith eile; mar sin ’s fhearr dhut fhéin aideachadh.” Brùchd deòir Màiri a mach: “Cha’n fhiosrach mise air sian mu’n fhàine. Cha’n ’fhaca mi e ann. Cha’n eil e agam!” “Chaidh am fàine fhaicinn ’n ad laimh”, thuirt am britheamh. “Nise ciod a their thu?” Fhreagair Màiri, “Cha ghabhaidh sin a bhith.” Rinn am breitheamh smèideadh, agus thainig Ceit a stigh do’n rùm. Na ’gamhlus ri Màiri airson a’ ghùin, agus le toil aingidh air diubhar a dheanamh dhi ’am barail a maighstearan, thuirt Ceit ri muinntir a’ Chaisteil: “Cha’n urrainn am fàine a bhi aig duine ’sam bith ach aig nighean bheag a’ ghàraidh. ’Nuair a chunnaic mis’ i tighinn a nuas an staidhir, bha fàine aice anns an robh clachan bòidheacha air an suidheachadh; ach ’n uair a mhothaich i dhòmhsa, chaidh i ’na cabhaig, agus dh’fholaich i e. Smaointich mi ’s a’ mhionaid nach robh cùisean ceart. Ach, air a shon sin cha robh toil agam a bhi tuilleadh is cabhagach, agus mar sin chum mi mo theanga. Smaointich mi gu’n deachaidh am fàine thoirt di, mar a chaidh gnothuichean eile. Ach ma ghoid i e, cha’n fhada gus an ionndrainn iad e, agus a sin bithidh e luath gu leòir bruidhinn mu dheibhinn. Tha mi gle thoilichte nach robh mi ’an seòmar mo bhana-mhaighstir an diugh. Faodaidh sluagh aingidh, mar tha Mairi chealgach so, sluagh onarach a tharruinn ’an trioblaid.” Chaidh Ceit a ghabhail air a facal; chaidh iarraidh oirre a h-uile dad a b’ fhiosrach i innse air beul-thaobh a bhàillidh. ’Nuair a thainig i ’stigh do’n chùirt, agus a dh’ iarr am bàillidh oirre, ’an ainm Dé, an fhìrinn innse, cha bu bheag a bhuille bh’ aig a cridhe, agus chrith a glùinean foidhpe. Ach cha do ghabh an creutair aingidh suim de bhriathran a bhàillidh, no de ghuth a cogais fhéin. Smaointich i mar so, “Ma dh’ aidicheas mi’n dràsda gu’n do dh’ innis mi briag, theid mo thionndadh air falbh, agus ma dh’fhaodte mo chur am prìosan.” Sheas i, air an aobhar sin, ri ’breig agus thuirt i gu ladarna ri Màiri, air beul-thaobh a’ bhritheamh; “Tha’m fàine agad; chunnaic mis’ agad e.” Chuir a bhreug so uamhas air Màiri; ach cha do thòisich i air gearain no air càineadh. Shil a sùilean agus is gann a b’ urrainn i bruidhinn leis na deòir. “Cha’n eil e ceart; cha’n fhac’ thu ’m fàine agam-sa. Cia mar is urrainn duit breug cho dàna sin a dheanamh, agus mise, nach d’ rinn cron riamh ort, fhàgail cho truagh dheth?” Ach bha a buanachd fhéin a tighinn fanear do Cheit, agus bha a gamhlas ’s a farmad cho mor ’s nach robh éifeachd sam bith aig briathram Mairi bhochd air a cridhe. Dh’ aithris i a’ bhreug mu’n chùis an dara uair, agus an sin dh’iarr am britheamh oirre a dhol gu taobh. Thubhairt e an sin ri Màiri, “Tha thu air do dhiteadh; tha gach cùis ’n ad aghaidh. Chunnaic ban-sheirbheisach na Ban-Iarl’ òig am fàine ’n ad lamhan. Nise, innis dhuinn c’ait na chuir thu e.” Thubhairt Màiri a rithisd, nach robh e aice. Dh’òrdaich am bàillldh, an sin, a sgiùrrsadh gus an tigeadh an fhuil. Thòisich Màiri air gal ’s air éigheach ri Dia a rithisd ’s a rithisd gu’n robh i neo-chiontach, ach cha deanadh e feum. Chaidh feuchainn rithe gu goirt. Bàn, lan fala, agus air chrith, chaidh m’a dheireadh a tilleadh air ais do’n phrìosan. Bha ’cuid leon ’ga cràdh: thug i leth na h-oidhche gun chadal air an leaba chonnlaich; bha i ’gal ’s ag osnaich ’s ag ùrnaigh ri Dia, a chuir mu dheireadh cadal riatanach ’ga h-ionnsaidh. An ath latha dh’òrduich am bàillidh Màiri thoirt a rithisd ’na làthair. Bho’n a dh’fhàillinnich gach dòigh bhorb, dh’ fheuch e le briathran ciùin ’us càirdeil ri toirt oirr’ aideachadh. “Chuir thu do bheatha fhéin an cunnart,” thuirt esan, “agus mar sin ’s e do dhuais am bàs. Ach ma dh’ aidicheas tu cait am bheil am fàine, cha téid an còrr a dheanamh ort. Na buillean a fhuair thu mar tha is e sin do pheanas. Theìd do chur na d’ àite fhéin a rithisd, anns an taigh comhla ri t’athair: cuimhnich a nise gu math, agus dean roghainn eadar beatha ’us bàs! Seall, tha mi’n dùrachd mhath dhut. Ciod am feum a ni am fàine dhut, ’n uair a bhios do cheann na shineadh làn fala aig do chasan?” Ach bha Màiri gu dian a’ toirt na h-aon fhreagairt seachad. Am bàillidh, a mhothaich d’ an ghaol mhòr a bh’aic air a h-athair, thuirt mar a leanas: “Ma chumas tu ort diorrasach mar sin, agus nach sàbhail thu do beatha fhéin, cuimhnich co dhiù air ceann glas d’ athar! Am bi thu toileach fhaicinn a’ tuiteam làn fala fo làimh fear na tuaighe? Co eil’ ach esan a mheall thusa gu leanailt cho diorrasach ris a bhreig? Am beil fios agad gu’m faod d’athair a cheann a chall, cuideachd?” Chuir na briathran so a leithid de dh’ oillt air Màiri ’s nach mor nach do thuit i sios gu làr. “Aidich,” thubhairt am bàillidh, gu’n d’thug thu leat am fàine: aon fhacal, an aon lideadh, sàbhalaidh do bheatha fhéin agus beatha d’ athar! Is e buaireadh mor a bha ’n so air Màiri. Bha i tacan ’na tosd. Thainig e ’na h-inntinn gu’m faodadh i ràdh gu’n d’thug i leath’ am fàine, ach gu’n do chaill i air an rathad e. Ach thubhairt i rithe fhéin, “Cha’n abair, ’s fhearr daonnan leanailt ris an fhìrinn. Tha breug innseadh ’n a pheacadh! Cha toir luach sam bith orm peacadh a dheanamh, ged a theasraigeadh e mo bheatha fhéin agus beatha m’ athar! Is e do chomhairle-sa, mo Dhia, a ghabhas mi, agus fàgaidh mi an còrr an earbsa riut.” Thubhairt i an sin, le guth ard, dùrachdach, drùighteach, “Na’n abarainn gu’n robh am fàine agam, bhiodh e ’na bhreig, agus ged a choisinneadh e mo bheatha dhomh, cha’n aithris mi breug. “Ach,” ars ise, “ma dh’fhéumair fuil a dhortadh, O caomhain falt glas mo dheagh athar! Bheir mise suas mo bheatha air a shon-san.” Dhrùigh na facail so air na bha làthair: eadhon am britheamh fhéin, ged a bha inntinn laidir aige, ràinig iad a chridhe. Bha e sàmhach, agus thug e sanas seachad Màiri a thoirt air ais do’n phrìosan. CAIB. VI. IACOB AGUS MAIRI ’S A’ PHRIOSAN. Fhuair am britheamh a nis e fhéin ann an trioblaid nach bu bheag. “Tha an nis an treas lath’ againn” ars esan ris an sgriobhaich, “agus cha’n eil sinn ni’s fhaide air aghart na bha sinn a chiad latha. Na faicinn dòigh air gu’m b’ urrainn am fàine a bhi aig duine sam bith eile, chreidinn gu’m beil an nighean neo-chiontach. A leithid de dhiorras ann an nighinn cho òg, cha chualas riamh. Ach leis cho soilleir ’s a tha cùisean ’na h-aghaidh, cha ghabh e bhith nach do ghoid i am fàine.” Chaidh e a rithisd far an robh a’ Bhan-Iarl’ agus rannsaich e gu mion mu’n chùis. Cheasnaich e Ceit uair eile. Cha mhor nach d’thug e fad an latha ’gan ceasnachadh, agus mheadhraich e gu dian air gach facal a thuirt Màiri ré a cheas nachaidh. Anmoch ’san fheasgar, dh’ òrduich e Màiri ’sa h-athair a bhi air an toirt ga’ ionnsaidh as a phrìosan. “Iacob,” ars esan, “tha mis air mo mheas ’nam dhuine cruaidh; ach gidheadh, tha fios agad-sa nach urrainnear a ràdh gun d’ rinn mi riamh cron neach eile, le fios domh. Tha mi smaointeachadh gu’n creid thu nach eil toil agam-sa mo làmh a chur ann am bàs do nighinne. Ach leis gach dearbhadh a fhuair sinn, feumar a diteadh airson na mèirle, agus a réir an lagha feumaidh i bàsachadh. Tha fianuis na searbhanta a fàgail na coire mu mhullach a cinn. Na ’n tigeadh am fàine air lom, agus an call mar so a dheanamh suas, is docha gu faigheadh i fathamas air sgàth a h-oige. Ach ma chumas i roimpe cho dùr ’s cho aingidh ’s a bhréig, cha ghabh a h-òige leith-sgeul air son a drochbheairt, agus mar sin, is oighre do’n bhàs i. Falbh far am bheil i, ma ta, Iacoib, iarr oirre am fàine ’thoirt suas, agus tha mise ’toirt dhut m’ fhacail, anns a’ chàs sin—ach cuimhnich anns a’ chàs sin amhain—nach fhaigh i bàs, ach gheilbh i mar sgaoil le peanas nach bi trom. Is [TD 34] [Vol. 9. No. 5. p. 2] tusa ’h-athair; tha h-uile cumhachd agad thairis oirre. Mur a toir thus’ oirre a thoirt seachad, ciod a’s urrainn neach sam bith a shaoilsinn ach gu’m beil an gnothuch air a dheanamh suas eadaraibh, agus gu bheil pàirt agad-s’ anns a’ choire? Aon uair eile! mur teid am fàine fhaighinn, bithidh e daor duibh le chéile.” Ars an t-athair: “Bruidhnidh mise rithe gu toileach; ach tha fhios agam mar tha, nach do ghiod i am fàine, agus air an aobhar sin, nach urrainn di aideachadh. Feuchaidh mi gach seòl; agus cunntaidh mi e ’na fhabhar mor, ma theid mo leanabh neo-chiontach a dhiteadh, gu’m faod mi a faicinn fhathasd aon uair eile!” Thug fear cumail a phriosain leis an seann duine, gu sàmhach, gu Màiri, chuir e an lòchran neo-dhealrach air a bhòrd bheag ’an rùm a phriosain, far an robh na soithichean creadha le suipeir Màiri, agus an soitheach uisge fhathasd gun bheantainn da; thill e an sin a mach, agus dhùin e an dorus as a dhéigh. Bha Màiri ’n a sineadh ’s an leabaidh, a h-aghaidh air a bhalla ’s i gal gu trom. ’Nuair a dh’ fhosgail i ’suilean ’s a chunnaic i solus fann an lòchrain, thionndaidh i mu’n cuairt—mhothaich i d’a h-athair, thug i éibh àrd aisde, dh’ éirich i suas agus thuit i ann an seòrsa de laigse air uchd a h-athar. Shuidh e sios comhla rithe air an leabaidh, agus ghlac e i gu teann ’na ghàirdeanan. Bha iad le chéile sàmhach greis ùine, agus shil an cuid dhiar gu frasach còmhladh. Mu dheireadh fhuair a h-athair spionnadh gu leòir gus inns’ an turus air an d’ thainig e. “O Athair,” ghlaodh Màiri mu’n robh e ullamh, “cha bu chòir dhuibh teagamh a chur ’na mo neochiontas! O mo Dhia, am bheil duin’ idir ’san t-saoghal nach eil ’gam ghabhail mar bhana-mheairleich! Eadhon m’athair fhein! Athair creidibh mi fathasd: cha d’ àraich sibh bana mheairleach annam-sa.” “Bi sàmhach, mo leanabh gaolach, tha mi ’gad làn chreidsinn; chaidh a chur mar fhiachaibh orm bruidhinn mar so riut.” Bha iad an sin sàmhach greis eile. Bha ’h-athair a coimhead gu dùrachdach air Màiri. Bha ’gruaidhean a sealltuinn tana, bàn, a suilean dearg agus air at leis a’ chaoineadh, bha a falt trom, dualach, leis am faodadh i a pearsa chur am falach gu buileach, a nise sgaoilte agus suainte gach rathad mu’n cuairt oirre. “Mo leanabh brònach,” ars esan, “chuir Dia deuchainn chruaidh ’nad rathad! Agus tha eagal, tha eagal orm gu’m bheil a’ chuid a’s deuchainniche ’s a’s cruaidhe ri tighinn fhathasd! Ma dh’ fhaote, ma dh’fhaote gu sgath iad dhiot do cheann òg!” “O athair,” arsa Màiri, “thaobh sin, tha mise coma. Ach ur ceann glas-se! O mo Dhia! gu’m faicinn-sa e tuiteam leis a’ chlaidheamh!” “Na biodh cùram ort mu m’ dheighinn-sa, a leanaibh ghaolaich,” ars’ a h-athair, “cha’n urrainn sin tachairt dòmhsa! Ach air son do ghaoil-sa, tha dòchas agam ris a chuid a’s fhearr, ach dh’ ad thaobh-sa faodaidh, eadhon, a chuid a’s miosa tachairt.” “O,” arsa Màiri, ’sa sùilean a boillsgeadh le sòlas, agus a breith air a h-athair, “chionn gur ann mar sin a tha, tha’n t-eallach a’s truime air a thogail de m’ chridhe, tha, a nise, gach cùis gu math. ’Athair, gu cinnteach cha’n eil eagal agam ro’n bhàs. Theid mi gu Dia, gu m’ Fhear-saoraidh! Chi mi mo mhàthair cuideachd, am flaitheanas! O cho toilichte ’sa bhitheas mi!” Dhrùigh na facail so gu trom air cridh’ an t-seann duine. Ghuil e mar leanabh. Chuir e a làmhan ’an glacaibh a chéile agus thubhairt e, “Moladh do Dhia, chionn gu’m bheil mi ’gad fhaighinn anns an staid inntinn so. Tha e gun teagamh cruaidh, gle chruaidh, do sheann duine, do dh’ athair gràdhach ’sam bith, a leanabh ionmhuinn, ’aona chùl-taic, a dhòchas, a chrùn, ’s a thoileachadh aosda, a chall ’s an dòigh so! Ach fhathasd,” ars esan, le guth bristeach, “O Thighearna, do thoil-sa gu’n robh deante. Tha Thu ag iarraidh iobairt chruaidh air cridhe athar; ach tha mise ’ga thoirt duit gu toileach. Gabh i! ’Nad làmhan tha mi ’ga liubhairt, m’ aona ghràdh air thalamh; ge b’e ’dh’eireas dh’ise, is ann gu math a bhitheas e. Tha mi ’ga h-earbsa ri d’ ghràdh gun chrioch; ’se sin am fear-faire a’s fhearr. O Mhàiri, a’ ghràidh, ’s fhearr thusa a bhàsachadh ’s an neo-chiontas, eadhon air an scaffal, le laimh fir-thilgidh na gum bithinn-sa beò agus a cluinntinn gun robh thu air do thruailleadh anns an t-saoghal aingidh so, do neo-chiontas air a spùineadh, agus air do mhealladh gu peacadh agus droch bheairt. Thoir mathanas domh a chionn bruidhinn mar a rinn mi. Tha thusa fhathasd math, ro mhath—airidh air do chur am measg nan aingeal ann am Flaitheanas; ach tha’n saoghal olc, ro-olc; faodaidh a h-uile duine eadhon na h-ainglean, tuiteam. Fuiling am bàs, ma ’se toil Dhé e ma ta, mo nighean, le earbsa. Tha thu bàsachadh neo-chiontach. Sin bàs a’s urramaich’ a th’ann, ged a bhitheadh e fuilteach. Bithidh tu air t-aiseag, mar lilidh ghlain, bho fhàsach neo-thorach gu ait a’s fhearr—gu Flaitheanas!” Chuir fras dheur stad air a bhriathran. An deigh bhi sàmhach tacan, thubhairt e, “Aon fhacal eile! Tha Ceit an deigh fianuis a thoirt ’n ad aghaidh-sa. Thuirt i air a mionnan, gu’m fac’ i am faine ’n ad làimh. ’Se ’fianuis-se a chuireas fodh’ thu, ma theid do dhiteadh. Ach tha thusa ’toirt mathanas di, nach eil? Cha’n eil farmad agad tuilleadh ri neach sam bith? Eadhon air an fhodar so, anns a’ phriosan dhorcha so, air do cheangal leis na slabhraidhean troma so, tha thu na’s toilichte na ise ’s a’ chaisteal ’an sioda ’s an riomhagh, ’am beartas ’s an onair. ’S fhearr am bàs fhulang neo-chiontach, mar tha thusa, a reir coltais, a dol a deanamh, na bhi beò anns an eucoir, coltach rithe-se. Thoir mathanas dh’i, a’ Mhàiri, mar a thug t’Fhear-saoraidh mathanas dha a naimdean. Nach dean thu mar sin? tha thu toirt mathanas dhi; tha h-uile rud a tighinn ort bho laimh Dhé.” Gabh Mairi a chomhairle gu toileach. “Agus a mise,” lean a h-athair gu cabhagach, ’nuair a dh’fhairich e fear a phriosain a teannadh orra, “tha mi ’g ad liubhairt do Dhia is d’a ghràsan naomh, agus dha d’ Fhear-saoraidh, a chaidh a dhiteadh mar chiontach ge bu neo-chiontach e! Agus ge b’e so an sealladh mu dheireadh a chi mi dhiot ’s an t-saoghal so, ’s ge nach fhaiceadh tu m’ aghaidh gu bràth tuilleadh, gidheadh cha’n fhada gus a lean mise thu do Fhlaitheanas! Tha mi ’faireachdain mar nach bithinn fada beò an deigh na deuchainn so.” Thainig fear cumail a phriosain a nis a stigh, agus dh’ òrduich e ’n t-athair ’ga leanailt. Dh’fheuch Mairi ri chumail, agus ghlac i e gu teann ’na gàirdeanan. Leig a h-athair sios gu socrach i air an leabaidh. Laidh i sios gun mhothachadh air a chonnlaich. Chaidh Iacob a thoirt air ais air beulthaobh a’ bhàillidh. ’Nuair a chaidh e ’stigh do’n rùm, agus a chiall ach beag air fhàgail, thog e làmh suas ri nèamh agus ghlaodh e mach, “Tha mi togail fianuis ri Dia uile-chumhachdach gu bheil i neo-chiontach. Cha bhana-mheairleach mo leanabh-sa.” “Cha mhor nach creidinn-sa sin,” ars am bàillidh, “ach cha’n fhaod mi a bhinn a thoirt am mach air reir boidean do nighinn ’us do bhòidean-sa, ach feumaidh mi breith a thoirt a reir na fianuis agus an lagha.” (Ri leantuinn.) Thainig fear-turuis uair gu baile anns nach robh e riamh, roimhe, agus cha robh e idir a cordadh ris cho geur s’a bha muinntir a bhaile ’g amharc air. Air son stad a chuir air an cuid amharc thionndaidh e ri fear dhiubh agus thuirt e ris, ‘Cha chreid mi nach aithnich sibh mi ma thig mi ’n rathad am feasda tuilleadh.” “Aithnichidh gu deimhin,” ars am fear eile, “chan eil duine sa bhaìle nach aithnich thu; ’se sin mur-a glan thu t’aodann.” Caite ’n robh ’n coileach nuair a chuala h-uile neach a bh’ air an t-saoghal e ’gairm? Anns an airc. Ma chi thu tri eoin air craoibh ’s gu ’m marbh thu dha, cia meud ian a bhios air a chraoibh an deigh sin? Cha bhi gin; teichidh an treas fear. De’n rud a’s coltiche ri leth ubhail? An leth eile. BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. III. TOGBHAIL NAM FINEACHAN. Bha ’m Prionnsa fathast ann am Bòrghadal, agus fadheoigh thainig fios da ionnsaidh nach faigheadh e, aon chuid, còmhnadh bho Shir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shéibhte, no bho Mhac-Leòid Dhun-Bheagain; thiunndaidh a chùis a mach, dìreach mar thuirt Fear Bhaosdail ris air tùs a thachradh. Bha Donnacha’ Foirbeis Tighearna Chuil-Fhodair, a bha na fhìr nàmhaid do na Stiùbhartaich, agus fad air taobh Righ Seòras an deigh iompaidh a chuir air an dà cheann-cinnidh sin, gu’n chlaidheamh a tharuinn gu bràch ann an aobhar Righ Seumas; agus an àite còmhnadh a dheanamh leis a Phrionns’, is ann a chuir iad fios do Shasuinn gun tainig e nall a dh-Alba. Ghabh Tearlach gu mòr gu cridhe Sir Alasdair agus Mac-Leoid a’ dhiultadh “éiridh;” agus chunnaic na h-uaislean a thainig a nall as an Fhràing maille ris a chuis cho mi-choltach, ’s gun tug iad a chomhail’ air an gnothach a leigeadh ma-làr, agus grad philleadh air ais; ach thuirt e-san mar thuirt e ri Uisdean Dòmhnullach—“Le seiseir dhiùlannach chalma dhìleas, theichinn mar fhògarach feadh bheanntaichean Alba, mas pillinn air m’ ais do ’n Fhraing.” Chuir e fios á Bòrghadail a dh’ionnsaidh gach Ceann-Fine bho ’n robh sùil aige ri cobhair fhaotainn, agus b’e a chiad fhear a thainig ga amharc Dòmhnull Cam-shron Loch-iall; agus air dha a chluinntinn nach tug e nall leis ach seachdnar dhaoine bha e ’cuir roimhe gun chuid, no gnothach, a bhi aige ri cogadh no stri, ged a bha e air son am Prionns’ fhaicinn, chum iompaidh a chuir air tarruinn air ais agus an dùthaich fhàgail mu’n eireadh ni bu mhiosa dha, ’nuair a gheibheadh fir Shasuinn brath air a dhol-a-mach. Air do Loch-iall a bhi air a thuras do Bhòrghadal a dh-amhare a’ Phrionnsa, ghairm e anns an dol seachad aig taigh a bhràthar Iain Cam-shron an Fhasaidh Fheàrna; thuirt a bhràthar ris nach bu chòir dha dhol n’a b’ fhaid’ air a cheann-turais, agus na’n gabhadh e a chomhairle-sa gur ann a leigeadh e a rùineachd ris a’ Phrionns’ ann an litir. “Cha dean mi sin,” arsa Loch-iall, “ged nach eil dùil agam eiridh leis a Phrionns’ no còmhnadh sam bith a dheanamh ris, se’n rud a’s lugha dh’ fhaodas mi dheanamh fhaicinn”—“O bhrathair!” arsa Fear an Fhasaidh-Fheàrna, “S ann domhs’ a’s fearr as aithin’ thu no dhut féin; ma leagas am Prionns’ aon uair a’ shùilean òrt, bheir e ort gun dean thu gach aon ni is àill leis!” agus b’ amhuil a thachair. Air do Loch-iall Bòrghadal a ruidhinn chaidh e-féin agus am Prionnsa [TD 35] [Vol. 9. No. 5. p. 3] do Sheòmar diamhair, agus thoisich am Prionns’ air a bhrosnachadh suas gu na Cama-Shronaich a thogail; ach thuirt Loch-iall ris gum b’ fhearr dha faighidean a bhi aige gus am faiceadh e cothrom n’a b’ fhabharaich thuirt Tearlach gun robh an cothrom math san àm, a thaobh feachd Shasuinn a bhi cogadh ri cumhachd na Fràinge, agus gu ’n robh e làn-chinnteach gu ’n ceannsaicheadh beagan Ghàel na bha dheth an arm-dhearg sa’ cheart àm ann am Breatuinn. Thuirt Loch-iall, ged a bha sin mar sin, gum b’ fhearr dhasan gun a bhi cho bras, agus gum bu ghlice dha e-féin a chleith far an robh e, gus an cruinnicheadh a chàirdean, agus gu’n cuireadh iad an comhairle ri chéile, ciod bu chòir a dheanamh? “Cha dean mi sin,” arsa Tearlach, “ann an ùin ghearr le beagan sluagh sgaoilidh mi mo bhratach rìoghail ri crann, agus théid sgeula feadh Bhreatuinn gu léir, gun tainig TEARLACH STIUBHART a nall a thagar crùn a shinnsir, ged a bhàsaichinn ’s an oidheirp; agus fuireadh Loch-iall mu’n cuala mi m’ athair gu tric ag iomradh mar a charaid’ bu dealaidh, aig a bhaile, agus cluinneadh e bho chàch mar dh’ eireas do’n Phrionnsa.”—Air cluinntinn so, cha b’ urra Loch-iall cumail air féin ni b’ fhaide: agus labhair e mar so:—“Cha dean mi mar sin, ach bithidh mi air an aon diol ri m’ Phrionnsa, agus gach aon duin eil air m’ fhearann, as urrainn glas-lann a tharruinn ri sròin.” Chaidh Loch-iall dachaigh air ball, agus thòisich e air togail nan Camashronach, agus a chuid eile dheth a luchd-leanmhuinn ma dha thaobh Loch-Arcaig, agus rinn iomadaidh eile de na Cinn-Fheadhna mar an cianda. Chaidh a nis’ a shònrachadh, gun robh am Prionnsa gu ’bhratach a thogail ann an Gleann-Fionain* air an naoidheamh latha-diag de mhìos deireannach an t-Sàmhraidh, agus chuir e air falbh litrichean air an t-sèamh latha de’n mhìos sin a dh’-iunnsaidh gach Ceann-feadhna fa-leth, iad da choinneachadh sa’ Ghleann air an latha shònraichte. Bha Tighearna Chlann-Raonaill mu’n àm so air tighinn dachaigh as an Eilean-Sgiathanach agus thòisich e air cruinneachadh a chuid daoine féin. Air an aon-latha-diag de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh, ghluais Tearlach bho thaigh Bhòrghadail, gu taigh Cheann-Loch-Mùideart a bha ma thuaiream seachd mil’ a dh’ uidhe á Bòrghadal; dh’ fhan e’ an sin gus an t-ochdamh latha diag, agus an sin chaidh e ann am bàta gu taigh Ghlinn Ealadail, àite còmhnaidh uchdarain eile de Chlann-Dòmhuill, ri taobh Loch-Seile. Dh-fhàg e Gleann-Ealadail air an ath mhadainn le coig thar fhichead fear ann an trì bàtaichean, agus chaidh iad air tìr air taobh sear Loch Seile faisg air an àit’ anns an robh e gu shuaicheantas a thogail. Bha na Fineachean a nis a’ cruinneachadh gu bràs as gach taobh, agus chìte prasganan dhaoine fo armachd a tional as gach àird, a’ gearradh aithghearra-talmhainn thar mhonaidhean, a’s bhealaichean gu Gleann-Fionain; ma aon uair sa’ mhadainn rainig Tearlach féin agus a chuid uaislean an Gleann. Thuit a mhisneach gu làr, cha d’ fhuair e roimhe ach ma thuaiream ceud fear-feachda agus na h-urraid de mhnathan sa’ chloinn a chruinnich gu sealladh dheth a mhòrachd fhaicinn. Fa-dheoigh, ma uair an deigh mheadhon latha chualas creagan dà-thaobh a Ghlinne, a co-fhreagairt do sgal nan feadan, agus do thòrman nan dos; agus m’a chairteal na h-uarach chunnacas a tighinn thar fàireadh, bho sheachd gu ochd ceud Cam-Shronach na ’n làn àrmachd agus nan deiseachan ballabhreac, deich pìobairean fichead a’ cluich “Cruinneachadh nan Cam-Shronach” agus dà fhichead fear dheth an àrm-dhearg, a cheap iad m’an ’Chorpaich aca gan iomain rompa gu siùbhlach a nuas am bruthach gus na stad iad air réidhlean a ghlinne fa chomhair Thearlaich. Be’n t-àite thagh iad a chum an t-suaicheantas a thogail ri crann, uchdan beag a th’ ann am meadhon a Ghlinne; dh’ eirich Diùc Abhall na sheasamh air an uchdan so, agus dithis dhaoine ’cumail taice ris, oir bha e fann le euslaint: sgaoil e sin ri gaoith nam beann a “bhratach sholais” a bh’ ann an ùin’ ghearr gu uamhas agus truaighe a sgaoileadh feadh ghleanntaichean siochail na h-Alba. Bha ’bhratach mhòr àluinn so air a deanamh de shioda dearg agus ball geal sròil na meadhon, air an robh dealbh crun righ agus ciste-laidhe; chuir na Gàel fàilt’ air a bhrataich so le sgal chiad seannsair; a’s chrathadh mìle bonaid, a’s caithream mhòr éibhneis. Thòisich Diùc Abhall an sin ri innse an t-aobhar mu’n do thogadh a’ bhratach; agus mu’n do chruinnich na treun-laoich.—Thuirt e gun tàinig Prionnsa Tearlach a nall le òrdugh athar, Righ Seumas, a thogail a shuaicheantas rioghail ri crann; a chum a dhlighe air rioghachd a shinnsir a dhainneachadh, agus a thàirgse mathanas do gach neach a rinn roimhe so àr-a-mach, no tuath-shreup na aghaidh, nan druidheadh iad a nise ri mheirghe, agus an àirm a thogail na aobhar, a chum a chrùin a thoirt a dh’ aindeoin fir Shasuinn,agus saorsa chosnadh do dh-Alba. An deigh do’n Diùc an sgùilm so a labhairt, chaidh a bhratach a ghiùlain far an robh Tearlach na sheasamh, agus leth-cheud Cam-Shrònach mar ghèard oirre. An ceam da uair an deigh sin, thainig Mac-Dhòmhnuill na Ceapach le trì cheud Abrach nan ceann. Tacan as deigh sin thainig prasgan de Shiol Leòid: agus chàmpaich air an òidhche sin féin ann an Gleann-Fionan, ma thuaiream dà-cheud-diag fear. CAIB. IV. ULLACHADH AN AIRM DHEIRG. Mu’n àm so bha Rìgh Seòras far bu chuimhe dha ’bhith, ann a’ Hanoobhar tir dhùchasach a shinnsir féin, agus bha cuid de Shasunnaich a cuir as a leth gu ’n robh e n’a bu thlusmhore ris an Rìoghachd sin, na bha e ri Breatuinn. Bha e mar gum biodh e caoin-shuarach ma déibhinn. Fad rè an t-Samaraidh bha fathunn air feadh na Gàeldachd gu’n robh am Prionnsa gu thighinn a nall mu’n tigeadh an t-Samhainn; ach cha chuala luchd-muinntir an Rìgh an Dunéideann smid dheth gus an dara latha de mhios dheireannach an t-Sàmhraidh, agus gun sheall Tighearna Chuil-Fhodair litir a fhuair e bho dhuin-uasal Gàelach do Shir Iain Cope, ceannard an airm-dheirg. Mun àm so, bha Iain Cope air a mheas na cheann-feachda cho ionnsaichte agus cho misneachail ’sa bha ann am Breatuinn gu léir; agus bha aige fo chomannd ann an Alba, da réiseamaid thrùpairean each, dà réiseamaid iomlan de shaighdearan coise, agus cùig cuideachdan diag de chaochladh réiseamaidean eile, a bha sgaoilte feadh bhailtean mòra na h-Alba; bha iad a nis’ aìr an gairm ri chéile chum am Prionns’ agus na Gàeil a choinneachadh agus a chasg. Dh-òrduich luchd-comhairl’ an Rìgh do dh-Iain Cope a’ Ghàeldachd a ruidhinn gun stad, a chum na Gàell a chumail air an ais, mu’m faigheadh iad ùin’ air fás ni bu liommhoire agus ni bu treise. B’e Tighearna Chuil-Fhodair a h-aon de’n luchd-comhairle; agus ge do bha e an aghaidh Thearlaich, agus na fhìr charaid do Rìgh Seòras bha mòran dheth a luchd-dàimh a’s eòlais, agus dheth a chairdean féin chean air eiridh leis a’ Phrionns’, agus shaoil leis gu ’n deanadh sealladh de dh-Iain Cope agus dheth fheachd “sgapadh nan cearc breac” air na Gàeil, agus gu’n leigeadh iad a chùis-ma-làr mas lasadh fraoch cumhachd na Rìoghachd nan aghaidh, a thaobh gu’n robh cinnt aige, nach robh tearnadh air an son, nan cailleadh ìad air a’ cheanna ma dheireadh. Rainig an t-òrdugh so Sir Iain Cope ann an Dunéideann, air an naoidheamh latha-diag de mhìos dheireannach an t-Samhraidh; a cheart latha anns na thog Tearlach a bhratach ann an Gleann-Fionan. Dh’ falbh Iain Cope air a’ cheart latha sin do Shrùidhleadh gu e-féin a chuir air ceann an àirm. (Ri leantuinn.) Tha na tuathanaich air feadh na dùthcha a nise trang ris an fheur. Sgeul Iongantach. Bha duin’-uasal araidh ann roimh so a bha air turas ann an aon de na carbadaibh sin a bha ’ruith le ceithir eich, mu’n do dhealbhadh na slighean iaruinn. Aig aite sonraichte bha drochaid fhiodha air a togail thar abhainn bheag, agus air a suidheachadh air da chreig, creag air gach taobh, agus linne mhor, dhomhain eatorra. Le cudthrom a’ charbaid agus a luchd, gheíll, agus thuit an drochaid, agus thilgeadh an luchd-turais gu h-iosal anns an t-sruth.’ Nam measg bha Easbuig araidh, a bhean, agus a leanabh. Chaidh na parantan a dhith ach theasairg an duin-uasal an leanabh le mor-chunnart da bheatha fein. Bliadhnaichean an deigh so, bha ’n duin’- uasal ann an cuideachd shonraichte far an d’ aithris e an sgeul beag muladach so, agus far an robh na h-uile ag eisdeachd le mor-churam. Am measg chaich bha bantighearna og, mhaiseach ann, a thug cluas do ’n sgeul moran ni’s durachdaich na neach sam bith eile a bha lathair. An uair a sguir an duin’-uasal, ghrad dh’ eirich a mhaighdean og suas air a cosaibh, thilg si i fein ’n a ghairdeanaibh, agus thubhairt i, “Is mise an leanabh sin, is mise gun teagamh an leanabh sin, agus riamh gu ruige an la an diugh, cha robh fios agam co a theasairg mi, agus cha robh comas agam air mor-thaing a thoirt da.” Uilleam Mac Dhunleibhe. Rugadh Uilleam—Am Bàrd Ileach—ann an ”Ileath ghlas an fheòir” sa’ bhliadhna 1804, agus chaochail e ann an Glasachu anns a’ bhliadhna 1870. The carragh cuimhne dha anns a chladh a tha ann an ceann an ear a’ bhaile. Bha Uilleam na dhuine neònach. Bha bàigh mhor aige do ’n Ghàidhlig agus gamhlas na dunach do na Sasunnaich. Thàinig gille òg sparasach uair a bha sud a chur a chomhairle ris a bhàrd ach co dhiu a bu choir dha, se air ùr thighinn do ’n bhaile as a’ Ghàidhealtachd, dol do dh’ eaglais Ghaidhealaich no dol am measg nan Gall do dh’ Eaglais anns nach cluinneadh e ach Beurla. ’S e ’n fhreagairt a fhuair e—“Rach thusa do ’n Eaglais Ghaidhealaich far an cluinn thu Gàidhlig air a labhairt, leubh do Bhiobull Gàidhlig agus “Sar-obair nam Bàrd” agus cha’n eil diabhull an Ifrinn a chuireas iteag asad.” Cha do sgriobh Uilleam bochd orain ghaoil; bu mhòr a b’ annsa leis fuaim a’ chlaidheimh agus strith nan lann, na caoin a ghaoil ’s a mhànrain. Se an duan ”Fios thun a Bhàird” aon de na dàin is fearr a sgriobh am Bàrd Ileach. An ti a’s cùbhraidhe, ti dhut [?] ’s do d’ charaid,—na’s fhearr [?] no broma—’si sin Union B[?] agus tha i air a creic ann [?] luaidhe aig 25, 30, 35 [?] am punnd. *B’ann ris an iolaire theireadh na seana Ghàeil am “Fionan” [fion-eun, no’n t-ian uasal] chaidh am facal a nis atharachadh gu fìr-eun, is e uasal is ciall do ’n fhacal fion, be fion-dheoch a theirte bho shean ris an deoch rìmhich ris an abair sin an diugh, fion a thaobh gum be na h-uaislean bhiodh mar bu trice dha h-òl. “Fion-fhuil Chlann-Dòmhnuill,” se sin fuil uasal Chlann-Dhòmhnuill, &c. [TD 36] [Vol. 9. No. 5. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OUGUST 3, 1900. Litir a Ceap Nor. Ged bha sinn a’ gearan air tiormachd agus fionnarachd o thoiseach gu meadhon an t-samhraidh, tha aobhar thaingealachd againn nach do bhuanaich an seòrsa aimsir sin na b’ fhaide. Tha frasan briagha uisge air a bhi sileadh an drasta ’s a rithisd o chionn mios, air chor ’s gu bheil feur ’us fochann a’ fàs gu math anns gach fearann brigheil. Far nach eil brigh ’s an talamh, cha ruigear a leas a bhi ’g amharc air son deadh fhàs, a dh’ aindeoin aimsir fhàbharraich. Tha e coltach gu bheil tiormachd agus teas air a bhi deanamh call mor an cearnan eile de Chanada, agus an cuid dhe na Stàidean, air an t-samhradh so; agus an lorg sin tha pris an fhlùir air eirigh o chionn ghoirid. Ged is beag nach ’eil sluagh an àite so gu leir a’ stri ri tuathanachas, cha mhor nach ’eil gach teaghlach a’ ceannach na tha iad a’ cur am feum de fhlùr agus de mhin gach bliadhna. Air feasgar an dara la de’n mhios so, dh’ eug Alasdair Dòmhnullach, air an d’ rinn mi iomradh ’an litir no dha o chionn ghoirid. Cha robh e beò ach ceithir la an deigh dha tighinn dhachaidh as an tigh-eiridinn. Bha e ’s a cheathramh bliadhna deug air fhichead de aois. Dh’ fhaodladh e radh maille ris an fhàidh, “Is mis an duine a chunnaic àmhghar” Dh’ eug a bhean agus a thriùir chloinne an taobh a stigh de bheagan làithean, o chionn da bhliadhna. Thòisich a thinneas féin mu’n àm so an uiridh. Bheannaich an Tighearna dha a thrioblaidean, agus ghiùlain e féin leo sin agus le ’thinneas gu foighidneach a dh’ ionnsuidh na criche. Bha e duilich a bhi dealachadh ri ’mhàthair agus a chuid eile dhe’n teaghlach ann an ùine cho goirid an deigh tigh’n dhachaidh; ach bha e deas gus a dhol an còdhail an Fhir nuadh-phosda aig a theachd. Bha ’bhrathair, an t-Urr.Domhnull Domhnullach, a Srathlathairne, aig coinneamh cléire aig an Abhuinn Mheadhonaich ’n uair fhuair e sgeula ’bhàis. Ghreas e dh’ ionnsuidh na seann dachaigh gun dàil. Bha e féin agus Mr. Beutan, ministeir a chothionail, a làthair; agus nochd sluagh an àite an co-fhaireachadh le tighinn a mach an àireamh ni ’s lionmhoire na chunnaic sinn riamh roimhe aig adhlacadh. Air an t-siathamh la, dh’ eug Calum Mac-an-Toisich. Cha robh e ’n tinneas trom ach beagan làithean. Bha e thairis air ceithir fichead bliadhna dh’ aois. Ghabh e féin agus a bhean an grip o chionn bliadhna. Dh’ eug a bhean aig an àm sin, agus ged chaidh e féin am feadhas cha robh e idir ’na shlàinte àbhaistich. Air an t-seachdain s’a chaidh dh’ eug Alasdair mor Friseil ann an Cobh Pholat. Bu mhac e do Ruairidh Friseil nach maireann. Bha esan mu thimchioll tri fichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e coigear leanaban agus am mathair air bheagan chul taice. Tha, mar so, an òige agus an aois a triall a dh’-ionnsuidh a chinn-uidhe o mach pill iad gu bràth. ’S mairg nach cuir la na slàinte agus nan cothroman gu deadh bhuil; ach is sona dhoibhsan aig nach ’eil an “cuibhreann agus an cuid ’s a bheatha so a mhain”—a mhuinntir aig am bheil fior dheidh air dùthaich a’s fearr, eadhon dùthaich neamhaidh. Tha gealladh cinnteach aca sin gu ’n comh-oibrich na h-uile trioblaid agus deuchainn a thig nan rathad ’sa bheatha so, a chum am buannachd neo-chriochnach. M. D. Ceap Nor, Iulaidh 24, 1900. Litir a Dawson. A MHIC-TALLA CHOIR:—Tha mi ’dol a chur ugad sgriobag bheag, o’n fhuair mi eòlas air do phaipeir ann an so bho mo charaid còir nach maireann, Alasdair Calder. Fhuair mi uaithe leughadh de dh’ àireamh no dha a bh’ aige dhe ’n phaipeir, agus bha dùil agam cur g’a iarraidh gun dàil; ach tharruinn an ùine, agus mar bhios duine ann an àite dhe’n t-seòrsa so, cha bhi fios aige an diugh càite ’m bi e seachduin bho’n duigh. Mar sin chuir mi dhiom e gus a so, agus tha mi an dòchas gu’n cuir thu ugam do phaipeir gu’n dàil, oir tha fadachd orm gus am faigh mi greim air. An deigh dhomh a leughadh o thoiseach gu deireadh leughaidh mi a rithist an darra h-uair e cheart cho sanntach ’sa ni mi a cheud uair. Tha sgeulachdan us eachdraidh ann a chòrdadh ri Gàidheal sam bith anns am biodh tuigse, agus sin cuideachd ’na chànain féin, a’ Ghàilig bhinn chòir a bha aig ar màthraichean. Anns an àite so tha h-uile duine trang an drasda, oir tha an t-side blàth agus an latha fada, agus pailtnas de’n òr ’ga thoirt as an talamh le obair chruaidh. Tha gach seòrsa bidh a dh’ fheumas duine ri fhaotainn gu pailt; thainig a’ cheud bhata-smùid a nios an amhainn bho Eas an Eich Bhàin Di-dònaich s’a chaidh, agus tha h-uile coltas gu’m bi gach ni saor agus pailt am bliadhna. Faodaidh mi radh nach eil oidhche idir an so ’san t-samhradh; faodaidh neach obrachadh air an oidhche cho math ris an latha; ach tha’n latha gu math goirid ’sa gheamhradh. Bha an geamhradh s’a chaidh gu math fuar, ach, coma co-dhiu, tha leithid de bhuaidh anns an òr ’s nach cuir side no eile stad air an obair. Tha barrachd de dh’ obair samhraidh ’san àite am bliadhna ’sa bha ann riamh roimhe, a chionn gu bheil na h-innealan-smùide air fàs pailt, agus leotha sin gabhaidh an t-òr cladhach gun a bhi ’ga losgadh le fiodh mar a b’ àbhaist a bhi deanamh ’nuair a bha ’n t-side reòta. Cha’n eil moran agam ri innse an dràsda de ni sam bith a chuireadh ioghnadh ort. Cha’n eil dad a’ dol air adhart an so ach obair us ùprait, ’sa h-uile duine ’feuchainn ri ’fhortan a dheanamh ann am tiom cho goirid ’s is urrainn dha. Tha e ’cuimhneachadh dhomh mar a bha Murchadh nam Port ag radh ’nuair a theich e as na h-Earradh agus a ràinig e Ionarnis, ’sa chual’ e ’n sluagh a’ bruidhinn Beurla. Phill e dhachaidh, agus ’nuair a dh’ fhaoighneachd iad dheth ’sna h-Earradh, de cho fad ’sa rainig e, thuirt Murchadh:—“Rainig mi àite bha cho fad air falbh ’s nach tuigeadh na daoine bha fuireach ann a chéile; agus gu dearbh ’s mi rinn an toileachadh ’nuair a chuala mi ’n coileach a’ gairm ann an Gàilig!” Cha’n fhaod mi diochuimhn’ a dheanamh air innse dhut mar a tha an dùthaich so a’ tionndadh am mach. Cha’n eil coltas air gu’m mair cùìsean mar a tha iad fada, oir tha h-uile àite anns an d’ fhuaireadh òr mar tha air obrachadh, ach cha leig iad le duine sam bith an còrr talmhainn a chur ’sna leabhraichean, agus fàgaidh sin a h-uile duine coma mu dhol am mach a shealltuinn air son àite ùr. Mur faigh iad òr anns na clachan, cha mhar an camp’ so fada; ach tha dòchas agam gu faigh iad rudeigin air an t-samhradh so. Tha copar gu leòr aca shuas aig Eas an Eich Ghlais; tha mi cinnteach gur e àite math a bhios an sin fhathast. Bidh mi a’ co-dhùnadh le beannachd a chur dh’ ionnsuidh nan Gàidheal gu leir a tha ’leughadh do phaipeìr, agus mar sin a’ cumail suas an aon phaipeir Gailig a tha air an t-saoghal gu leir. Bu chòir dhuinn a bhi taingeil dhut air chùl do dheagh phàighidh air son a bhi ’cur am mach paipeir cho luachmhor. Slan leat aig an àm so. Is mise, le deagh dhurachd, do charaid. IAIN MAC PHEUTRAIS. Dawson, Iulaidh 20, 1900. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29, 1900 1yr [TD 37] [Vol. 9. No. 5. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha mail a nise air a ghiulan air na bàtaichean aiseig eadar Sidni us Sidni Tuath da uair san latha. Bidh so ’na dheisealachd mor do mhuinntir an da bhaile. Tha na mathain a’ fàs sgaiteach an ceann a tuath an eilein. Air an t-seachdain s’a chaidh mharbh iad coig caoraich air bantraich a tha fuireach air an Amhuinn a Deas, Ingonish. Tha ’n obair chreadha air larach na h-obair iaruinn faisg air a bhi ullamh, agus tha moran de’n luchd-obrach a’ fàgail gach seachdain. Mu’n teid moran mhios seachad bidh an fhior obair—leaghadh an iaruinn—air tòiseachadh. Bha fathunn a’ dol mu’n cuairt toiseach an t-samhraidh gu robh deich mile dhe na Boerich a’ dol a thighinn air imrich do na Staidean. Tha sin a mise air àicheadh; cha ’n eil na Boerich an dùil an dùthaich fhéin fhàgail aig an àm so. Air an t-seachdain s’a chaidh, bhuail an carbad-iaruinn, ’se air a thurus eadar Halifacs us Montreal, ann an aon de na beothaichean boidheach sin ris an canar an skunk, agus rinn an sgiorradh sin fàile cùbhraidh a chumail ris an luchd-turuis gus an d’ rainig iad Moncton. Tha an strike a bha ’m measg an luchd-obrach ann am Belle Isle thairis: tha na daoine air a dhol air ais gu’n obair uile ach an dithis cheannardan a bh’ orra. Tha iad sin air an cur air falbh. Thatar ag radh nach robh ann am fear dhiubh ach duine thainig a dh’ aon ghnothuch air son aimhreit a dheanamh, agus gu facas e roimhe so ris a cheart obair ann am baile ’s na Staidean. Chaill tuathnach ann a Vankleek Hill, Ontario, ceithir chaorach an la roimhe air doigh gle neònach. Bha ’n latha anabarrach blàth, agus chaidh na caoraich a stigh ann an toll a bha ’n craoibh laighe. Chaidh iad a stigh cho fada ’s nach b’ urrainn dhaibh tionndadh, agus bhàsaich iad an sin. Bha na h-uain còmhla riutha; fhuair iadsan am mach, agus ’s ann le ’n leantail a fhuaireadh na caoraich. Di-luain s’a chaidh, chaochail Alfred, Diuc Dhuneideann, darra mac na Ban-righ’nn. B’e tinneas a’ chridhe a dh’ aobharaich a bhàs. Bha e fuireach anns a Ghearmailt, far an robh e ’na Dhiùc air Saxe Coburg; cha’n eil fhathast bliadhna o’n fhuair e ’n oighreachd sin, agus air son a faotainn leig e dheth a bhi ’na iochdaran do’n chrùn Bhreatunnach. ’Se mac a bhràthar, Dìùc Albany, a tha tighinn a stigh ’na oighre air Saxe Coburg ’na àite. Tha coinneamh mhor gu bhi aig Frangaich Cheap Breatunn us Nobha Scotia ann an Arichat air a’ choigeamh latha deug dhe’n mhios so. Am measg nan daoin’ inbheach eile tha gu bhi aig a’ choinneamh sin, tha Sir Wilfrid Laurier, priomhair Chanada. Mu’n till e air ais do Ottowa, bidh dha no tri choinneamhan aige ann an Nobha Scotia. Tha sinn an dòchas gu’m bi Sidni air aon de na h-àiteachan anns an labhair e. Chaidh fear Richard Hodgings agus a bhean a mharbhadh leis a charbad-iaruinn ann an London, Ontario, an la roimhe. Tha tuathanaich Mhanitoba a nise ’g obair air a’ bhuain. Ged nach eil am bàrr ach gann a leth cho math ’sa bha e an uiridh tha e fad air thoiseach air mar a bha dùil a bhitheadh e mios roimhe so. Chaidh Humbert, righ na h-Eadailte, a mhort Di-satharna s’a chaidh, aig Monza, far an robh e a toirt seachad dhuaisean air son lù-chleasan. Bha àireamh mhiltean de shluagh sinn, agus liubhair an righ òraid. Air do’n chruinneachadh sgaoileadh, chaidh e do’n charbad rioghail, agus mu’n gann a fhuair e gluasad air falbh chaidh a thilgeadh. Bha tri peilearean air an cur ann; chaidh iad faisg air a chridhe, agns cha robh e beò ach beagan mhionaidean. ’S e fear Angelo Bressi a loisg na h-urchraichean, agus chaidh a ghlacadh air ball. Bha Righ Humbert gle mheasail aig ’iochdarain, agus bidh a bhàs na buille throm d’ an dùthaìch. Ged nach eil sith ann an Africa mu Dheas fhathast, cha’n eil cùisean ’sa chearna sin a’ cur iomguin sam bith air Breatunn. Tha Morair Roberts a gluasad gu socair, ach gu cinnteach, agus ged is urrainn na Boerich dragh gu leòr a chur air fhathast, tha na làithean anns am bi an comas sin aca air an àireamh. Tha Roberts a nise dlùthachadh air an áite ’sam bheil Crugar a’ deanamh a cheanna bhaile; tha roimhe dhol eadar na Boerich agus am fearann a bhuineas do Phortugal; ’s ann troimh ’n fhearann sin a tha dol aca air an cuid bidh us ghoireasan eile fhaotainn aig ann àm so, agus cho luath ’sa theid sin a dhùnadh orra, cha bhi aca ach striochdadh gu buileach. Sanas. Tha B. A. Pratt, a fhuair fhoghlum ann an Detroit a thaobh Eòlas Fradhairc, aig an àm so anns a Bhellevue House, far am faodar fhaicinn gu ceann seachduin. Iadsan aig am bheil sùilean laga no tha ’gearan am fradhairc an doigh sam bith, bu choir dhaibh a dhol g’a choimhead. RANN DO’N “MAC-TALLA.” Fhuair sinn paigheadh a MHAC-TALLA bho’n Taillear Dhughallach, Abhainn Mhargaree, agus an rann a leanas ’na chios:— Faillt is furan air MAC-TALLA! Buaidh is beannachd air gach lò! Tha e aoidheil, cridheil, fearail, Tha e sméarail mar bu choir; Uair ’s an t-seachdain ni e taghal, ’S gur a laghach leinn a chainnt, Bi’dh gach facal ann an òrdugh ’Sealltuinn fòghlum nach eil gann; Gur a fiosrach anns gach tir e Eadar Sina ’us an Fhraing, Eadar Transbhal nam batail Is Alasca, tir nam beann; Tha gach sean-duin’ glas an deigh air, Theid an speuclar a chuir suas, ’Sged a bhiodh a bhuainn a’ froiseadh Gur e’m bodach’ fear nach gluais; Eisdidh tric an t-seana-bhean chiatach Ris na sgeulachdan gun ghò, Ged a bhiodh a bhanach dreamach Agus cabhag air a’ chlò; Tha na h-ionagan an toir air, ’Se chuid òran beusach, grinn Sheinneas iad gu cridheil, ceòlmhor, ’Nuair a bhios an còmhlan criunn. Siutaibh fhearaibh, bithibh dileas, Cainnt ur sinnsreadh cumaibh suas; Bruidhnibh, sgriobhaibh agus leughaibh I gu treubhach, mar bu dual. Paighibh am Mac-Talla fiachail H-uile bliadhna, aig an àm; ’S gum bu fada slan is buan e, Is an t-uasal’ th’aig a cheann! Fhuair sinn an diugh 500 Paidhir de bhrogan fhirionnach Dong. Bals. Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1.25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1.40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar. Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn. Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta. H. H. Sutherland & Co. Stor Airgeid na h-aon Phrise. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 38] [Vol. 9. No. 5. p. 6] Triathan Ghlinne-Comhann. I. IAIN OG AN FHRAOICH.—Is ann bho Iain Og an Fhraoich a thainig Domhnallaich Ghlinne-Comhann. Bu mhac e do dh-Aonghus Og nan Eileinean agus do nighinn do Dhùghall Mac-Eanraic an Gleanna-Comhann. Is ann do Mhac-Dhughaill Latharna a bhuineadh Gleanna-Comhann an toiseach. Fhuair Aonghus Og bho ’n Bhrusach e goirid an déidh blar Allt-a-Bhonnaich, agus thug e còir-beoil air do dh-Iain Og. Tha e air a ràdh gu ’n do chaochail Iain Og an 1358, agus gu ’n deach amhlacadh an Reilig Orian an I-Chaluim-Chille. II. IAIN MAC IAIN OIG AN FHRAOCH. III. IAIN MAC MHIC IAIN. IV. IAIN OG, MAC AN TREAS IAIN. V. IAIN ABRACH, MAC IAIN OIG. VI. IAIN MAC IAIN ABRAICH. Anns a bhliadhna 1500 dh’ fheuch Gilleasbuig Caimbal, Iarla Earraghaidheal, ri a chuid fearainn a thoirt bho Iain mac Iain Abraich. Ann an 1501 thug Domhnallaich Ghlinne-Comhann Domhnall Dubh mac Aonghuis Oig am mach as a Phriosan san robh Iarla Earraghaidheal ga ’chumail. Rinn iad iomadh droch obair a togail chreach, ach rinn iad obair ghasda an oidhche a thug iad saorsa do Dhomhnall Dubh, oighre dligheach tighearna nan Eileinean. VII. IAIN ABRACH, MAC AN T-SIATHAMH IAIN.—Rugadh Iain Abrach mu’n bhliadhna 1510. Bha ochd mic aige: Iain Og, Alasdair Og, Gilleasbuig, Domhnall Og, Raonall, Aonghus, Ailein, agus Iain. VIII. IAIN OG, MAC IAIN ABRAICH—Rugadh Iain Og mu’n bhliadhna 1540. Bha e an seilbh air Gleanna-Comhann an 1563. Bha còir righ aig Callein Caimbal, triath Ghlinn-Urchaidh, air fearann Ghlinne-Comhann aig an am sin. Bha e mar sin na uachdaran air Iain Og; ni a tha nochdadh gu soilleir gu’n robh Clann-Domhnaill a dol air ais agus gu’n robh Clann Duibhne ag eirigh a suas. Bha ceithir mic aig Iain Og; Iain. Alasdair,Gilleasbuig, is Ailein Ruadh. Tha Iain mac Iain Oig is Alasdair mac Iain Oig air an ainmeachadh an 1588. ’S a bhliadhna 1591 chuir Gilleasbuig Caimbal, Iarla Earraghaidheal, feachd mor a chreach fearann Tighearna Ogelbhi. Am measg nan creachadairean bha Ailein Ruadh Mac Iain Oig, agus gun teagamh bha sgil mhath aige air an obair a bha e a deanamh. Anns a cheart bhliadhna, 1591, thug Iain Og mac Iain Abraich, Alasdair Og mac Iain Abraich, Domhnall Og mac Iain Abraich, agus cuid de Stiubhartaich na h-Apunn ruaig do dh-fhearann Iain Dhrummain agus thug iad leotha gach ni air am faigheadh iad greim. An 1592 chuireadh casaid a staigh a dh-ionnsaidh an righ an aghaidh Iain mhic Iain Oig, Ghilleasbuig mhic Iain Oig, agus Ailein Kuaidh mhic Iain Oig airson a bhith a marbhadh sluaigh ’sa goid cruidh. Dh’ fheumadh an righ an crochadh no mathanas a thoirt daibh. Bhiodh e duilich an glacadh, agus ged a rachadh an glacadh ’san crochadh cha chuireadh sin stad air togail nan creach. B’e deireadh na cuise gu’n d’ fhuair iad mathanas. ’S e ’s dòcha gu’n do rinn iad aideachadh air choir-eiginn do’n righ, ’s gu’n do gheall iad a bhith nan daoine matha. IX. IAIN MAC IAIN OIG.—B’e Iain mac Iain Oig triath Ghlinne-Comhann an 1599. Anns a bhliadhna sin thug Alasdair Og, a bhràthair, seachd mairt agus tarbh bho fhear Daibhidh Craig. Beagan mhiosan an deidh so chaidh Gilleasbuig mac Dhomhnaill mhic Iain Abraich agus Raonall, Aonghus, Ailein, is Iain Mac Iain Abraich a thogail creiche. Thug iad beagan de nithean bho Mhac-Amhlaidh Aird-nan-Capull, agus thug iad da each dhiag air fhichead bho Dhiuca Lennox, no Leamhna. Chaochail Iain mac Iain Oig mu’n bhliadhna 1606. Bha mac aige do ’m b’ ainm Iain, ach a reir coltais cha’n e mac dligheach a bh’ ann. X. ALASDAIR MAC IAIN OIG.—Is e brathair do dh-Iain mac Iain Oig a bha an Alasdair. Mar a chunnaic sinn cheana, tha e tachairt ruinn an toiseach an eachdraidh ’sa bhliadhna 1588. Ann an 1610 mharbh Alasdair mac Iain Oig Iain Stiubhart an Achadh-a-chàirn agus Alasdair Stiubhart a bhràthair. Bha Aonghus mac Iain Duibh an Dail-an-Eas, Alasdair mac Iain Duibh an Achatriachadain, Ailein Dubh Mac Iain Duibh, agus Iain Og mac Iain Duibh na’n luchd-cuideachaidh aig triath Ghlinne-Stiubhartaich. Chaidh Alasdair mac Iain a ghlacadh le Cailein Caimbal an Abar-mhicheil agus a sparradh ann am priosan an Duneideann. Cha ’n fheil iomradh ann an Eachdraidh air an deidh 1611. Cha ’n fheil fios gu de a dh’ éirich dha. Dh’ fhaoidte gu’n d’ fhuair e as a phriosan, ’s dh’ fhaoidte gu’n deach a chrochadh. XI. IAIN ABRACH.—B’e Iain Abrach, no Iain mac Alasdair mhic Iain Oig, triath Ghlinne-Comhann an 1617. ’S a bhliadhna so mhortadh Daibhidh Bowman le Iain Dubh mac Aonghuis am Baile-Chaolais, Iain mac Dhonnachaidh mhic Gille-mhartuinn, agus Iain mac Iain mhic Gillephàdruig, seirbheisich Iain Abraich. Anns a cheart bhliadhna mharbhadh Bhaltair Stiubhart le Iain mac Dhomhnaill mhic Iain. Goirid an deidh sin mharbhadh Donnachadh agus Seumas Stiubhart le Iain Abrach, triath Ghlinne-Comhann, Domhnall Buidhe mac Iain mhic Iain Oig mhic Iain Abrach, agus daoine eile. XII. ALASDAIR MAC IAIN ABRAICH. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. [TD 39] [Vol. 9. No. 5. p. 7] —An 1634 bhrùchd na Gordanaich agus Clann Iain Ghlinne-Comhann a staigh air fearann Chrichton, tighearna Freudraucht an siorramachd Abereadhain, agus rinn iad creachadh, losgadh, is marbhadh. Anns an droch obair a bha ’n so bha Alasdair mac Iain Abraich air ceann a chuid daoine. Bha naimhdeas aig morair Hunndaidh do thighearna Freudraucht, agus mar sin bha e coma gu de a dh’ éireadh dha. Cha ghabh e cur air na Gòrdanaich,na air fineachan eile na’s mo, gu’n robh iad trom air a bhith a deanamh math an aghaidh an uilc. Bha Alasdair mac Iain Abraich greis anns a phriosan sa bhliadhna 1635,ach leigeadh as le amhaich shlàin. Chaidh e fein is Aonghus mac Raonaill Oig na Ceapaich a thogail creiche do Bhraidalbainn sa bhliadhna 1639. Nuair a bha iad a tilleadh air ais thachair buidheann de Chaimbalaich ’s de Mheinneirich ruitha aig sron-a-chlachain. Tharruinn gach taobh an clàidhean agus chuireadh blair guineach, fuileach. Chaidh Alasdair mac Iain Abraich agus Aonghus mac Raonaill Oig a mharbhadh. Chaidh athair Iain Luim a mharbhadh cuideachd. Chunnaic Iain Lom am blar ga chur. Their cuid gu ’n robh e-fein anns a bhlàr ’s their cuid eile nach robh. Dh’ fhàg Alasdair mac Iain Abraich mac do ’m b’ ainm Iain. A. M. S. Litir Bheag a Strathalba. FHIR-DEASACHAIDH:—Bha ’n comanachadh againn anns an sgire so air a’ choigeamh latha deug de’n mhios. Bha aimsir anabarrach fàbharrach ann a h-uile latha, bho Dhior-daoin gu Di-luain. Bha gach latha air a chumail a reir na seann dòigh a bha air a cleachdadh am measg nan Gàidheal, ach a mhàin nach robh ceist againn air Di-haoine. An àite ceisd air an latha sin, fhuair sinn searmon mor tomadach, an cainnt bhlasd’ ar màthar, bho’n Ghàidheal ghasda sin, an t-Urr. A. Mac-na-Ceardadh. Bha esan againn bho Dhi-haoine gu Di-luain, agus gach latha dhiubh sin a’ labhairt an Gàilig ’s am Beurla. ’S math a thig sin dha. Cha ’n eil e dad na’s comasaiche le a pheann na tha e le a theangaidh; agus tha fios agad fhéin, agus aig do luchd-leughaidh gu’n dean sin an gnothuch. Tha sinn an dòchas nach teid an siol math a bha air a chur anns na lathaichean ud uile am mugha, ach gur ann a bhios e, a reir gealladh na firinn, a’ toirt gu buil an ni sin mu ’n do chuireadh am mach e. Naigheachdan cha’n eil agam dhut aig an àm so; tha gach ni a’ dol air aghaidh an so anns an dòigh àbhaistich. Le mor dhurachd is mi. Do Charaid C. C. Strathalba, E. P. I., Iulaidh 19, 1900. Sgeul air Clarsair Eirionnach. ’S iomad sgeul a thainig nuas ann an eachdraidh na h-Eirinn air clàrsairean ainmeil. ’Nam measg sin, chuala sinn a h-aon mu thimchioll clàrsair iomraiteach d’ am b’ainm “Clàrsair Mòr na Cauthaic.” ’Se is ciall do’n fhocal “cauthaic” anns a’ chànain Eirionnaich, aodach air a dheanamh de luachair, air a bualadh le slachdan, agus air a figheadh gu dlùth r’a chéile. Bha so na h-éideadh chumanta ’measg nan Eirionnach o chionn fhada. Le deise de ’n t-seòrsa so o mhullach a chinn gu ’chalpa, agus le cuarain air an ceangal gu teann le iallaibh mu ’aobrain, chìteadh an Clarsair Mòr a’ siubhal na dùthcha. B’ àbhaist da clogaid àrd do luachair, air chumadh builionn siùcair, agus air fhigheadh air an dòigh cheudna, a chaitheadh air a cheann, agus babagan de gach seorsa crochta nan stìolaibh o mhullach na clogaid sìos mu ’ghuailibh. Bha ’n clàrsair so na sgoileir comharraichte. Leughadh e Greugais ’us Laidinn, ged nach robh focal Beurla ’na cheann; ach cha ghabhadh e ’chlarsach ’na làimh gun an deise luachrach a chuir uime; agus cha dùraichdeadh e anart, no cùraing, no clò, ’chuir uime—ni air bith ach a lùrach ’s a chlogaid luachrach, a réir cleachdadh na h-Eirinn. Thainig clàrsair Cuimbrich (Welsh) thairis do Bhaile-’chliabh an Eirinn, le morair Sasunnach, an uair a bha ’Phàrlamaid Eirionnach na suidhe; agus chuir e gu dùlan gach clàrsair bha eadar dà mhaoil na a-Eirinn. An deigh do’n mhoraire Shasunnach a chlàrsair a ghairm a stigh, agus air dha port no dhà a chluiche an làthair cuideachd mòr a bha cruinn, dh’ fheoraich e an cual’ iad riamh a choimeas. Fhreagair morair Eirionnach-“’S aithne dhòmhsa clàrsair a’m’ dhùthaich, gun uiread a’s curaing air a dhruim gun aodach clò no cainb air, a chlui, cheas gu mòr ni’s feàrr.” Chuireadh geall mòr—ceud bonn òir. Chuireadh fios air “Clàrsair Mòr na Cauthaic,” agus thainig e gu Baile-’chliabh, le dhruim. Bha e na dhuine àrd, eireachdail, dreachmhor. Chruinnich cuideachd mhòr a dh’ éisdeachd, nan clàrsairean. Chluich iad air dòigh a thatuinn ris a’ chuideachd; ach cha robh guth nach do thogadh as leth an Eirionnaich; agus dh’ aidich am fear eile nach b’urrainn da ’chorag a chuir air teud an coimeas ris a’ chlàrsair Eirionnach. ’Nuair a sguir iad a’ chluiche, thainig na h-uaislean ’s na morairean a sheanachas ris a’ Chlàrsair mhòr; agus thairg e labhairt ris an aon a b’ fhearr ’nam measg, ann an Gréugais no ’n Laidinn; ach cha ’n fheuchadh a h-aon diubh so a dheanainn. Tha fathast cuid do dheircibh air feadh na h-Eirinn air a’ bheil lùraich luachrach; ach tha clàrsairean a’ fàs ni s gainne o linn gu lìnn. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. The Scotish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Aig an am so an tigh Iain Mhic Fhionghain, air Sraid Bhentick. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. [TD 40] [Vol. 9. No. 5. p. 8] Ol na Bliadhn’ an Uiridh. “Cha dean an t-òl ach am fear a dh’ fhaodas e.” Ma bha gus nach robh an seanfhacal so fìor anns an àm a dh’ fhalbh, tha e soilleir gu leòr nach ’eil e fìor ’nar latha-ne. Tha iomadh fear ann a dh’ òladh an sgillinn nach fhaca e. Nam biodh an t-òl a chum feuma do dh’ anam agus do chorp an duine, cha bhiodh neach sam bith ’na aghaidh ach neach gun tùr. Ni sam bith a thig a chum feuma do shlàinte an duine a tha tinn, ged a b’ e am puinnsean a bhiodh ann, is còir a ghnathachadh ann am measarrachd. Ach tha eagal orm nach abair neach sam bith anns am bheil tùr gu’m bheil measarrachd a’ riaghladh anns na trì rioghachdan—Alba ’s Eirinn is Sasunn—an uair a dh’ innsear dhaibh gu’n d’ òladh an uiridh anns na trì rioghachdan so, fiach £154,480,934 dhe ’n deoch làidir!! Tha’n t-sùim so uamhasach! Agus tha i da mhìle gu leith na ’s mò na ’n t-suim a dh’ òladh air a’ mhò ’n uiridh. Dheanadh an t-sùim mhòr so £3 16s. 10d. mu choinneamh a h-uile anam beò a th’ anns na trì rioghachdan! Agus an uair a bheir sinn fanear a liuthad fear agus té nach blais air deur dhe’n deoch làidir eadar dà cheann na bliadhna, agus an àireamh mhòr chloinne agus dhaoine òga nach do bhlais air deur dhe’n stuth làidir riamh fhathast, gun ghuth a thoirt air na miltean air mhiltean nach blais air deoch làidir ach uair glé ainneamh, tuigidh sinn gur anabarrach an t-sùim a tha cuid de dhaoine ag òl! Cha chreid mi gu ’n abair duine sam bith anns am bheil tùr, gu’n dean tuilleadh ’s a’ chòir dhe’n deoch làidir feum sam bith do dhaoine. Agus feumaidh gu ’m bheil àireamh mhòr de shluagh nan trì rìoghachdan ag òl tuilleadh ’s a’ chòir. Mur biodh so mar so, cha bhiodh an t-sùim cho mòr ’s a tha i. Ni tuilleadh ’s a’ chòir de ni sam bith cron do dhaoine. Ach cha ’n ’eil ni sam bith talmhaidh a tha cho cronail do chuirp agus do dh’ anamannan dhaoine ris an deoch làidir. Tha misg is mì-bheus a’ falbh an cuideachd a cheile mar is trice. Tha buaidh a chum uilc aig an deoch làidir thairis air gach aon a tha ’nan tràillean dhi. Is gann gur urrainnear cainnt a chur air gach olc agus euceart agus truaighe agus truaillidheachd a tha ’n co-cheangal ri bhith trom air an òl. Tha e ’na aobhar bròin a bhith ’toirt fa near gu ’m bheil an t-sùim a tha daoine a’ toirt seachad a chum a bhith a’ craobh-sgaoileadh an t-soisgeil, agus a chum na bochdan a bheathachadh, anabarrach beag an coimeas ris na bheil iad a’ cosg ann an òl. Nach muladach da rìreadh an gnothach ri smaointean nach toirear seachad le saor thoil air son an t-soisgeil agus nam bochd, anns na tri rioghachdan anns a’ bhliadhna, ach mu chòig milleinean, am feadh ’s a tha seachd fichead millein ’s a ceithir deug air a chosg ann an deoch làidir!! Tha sluagh nan trì rìoghachdan gu léir ag aideachadh gu’m bu ghnothach ro oircheasach crùn ’s an t-seachdain a thoirt mar shaor dhuais (pension) do gach fear a rainig trì fichead bliadhna ’s a còig. Ach is i a’ cheisd, c’aite am faighear a dh’ airgiod na phàigheas an t-saor-dhuais so. Tha e air a radh gu ’m feumteadh deich milleinean fichead fhaotainn a h-uile bliadhna, air aon doigh no dòigh eile, gus an t-saor-dhuais so a phàigheadh. Nam biodh rathad air a dheanamh, dh’ fhaoidteadh deich milleinean fichead dhe na bheil sluagh nan tri rioghachdan a cosg ann an deoch làidir a chur a dh’ ionnsuidh an fheuma so. Cha’n fhairicheadh muinntir an òil ’g an dìth e, agus dheanadh e cuideachadh mòr do mhìltean air mhìltean dhe na seann daoine a tha air tighinn gu bochdain ann an deireadh an laithean gun choire sam bith aca fhein ris. Tha e anabarrach comharraichte gur ann mar is pailte a bhios an t-airgiod, agus is àirde bhios na tuarasdail, is mò a tha sluagh nan trì rioghachdan a’ cur dhe’n cuid airgid ann an òl. Ach cha’n urrainn duine sam bith a ràdh le fìrinn gu’n robh e iomchuidh do shluagh nan trì rìoghachdan seachd fichead millein ’s a ceithir deug a chosg an uiridh ann an deoch làidir. Tha iomadh ni ceadaichte do dhaoine nach ’eil idir iomchuidh. Nach mi-iomchuidh do dh’ aithrichean a bhith ’cosg an airgid sin ann an òl, a tha feumail air son biadh is aodach a chumail ri am mnathan ’s ri ’n cloinn! F. O. S. Bha Domhnull Ban us Iain Donn nan cairdean gle mhor aig a cheile, ach aon latha mhi-chord iad mu ni eiginn, agus throid iad gu salach. Bha beagan fhacail Bheurla an ceann Iain, agus nuair a theirig a Ghailig dha, rinn e ’m feum a b’ fhearr a b’ urrainn dha dhiubh. Chuir so Domhnull na thamh ann am mionaid. Air dha bhi ’g innse do charaide mar bha eatorra, thuirt e, “Cha’n abradh e facal rium mu dheireadh ach liar! liar! agus tha mi cinnteadh nach robh sion an sin ach ‘Tha thu briagach’.” BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Uaireadairean air prisean a tha ruith o $1.75 gu $200.00 AIG Bezanson ANNS AN Stor Ur Sheudan AIG K. Bezanson An Togalach Hanington, SIDNI, - - C. B. Ghibear an stoc a’s motha ’s a’s fhearr de dh’ Uaireadairean, Seudan, Bathar Airgeid, agus Innealan Ciuil a th’ann an Ceap Breatunn. Bidh e thoilicht thu thaghal air a dh’ fhaicinn a chuid bathair. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 41] [Vol. 9. No. 6. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 10, 1900. No. 6. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. VII. A BREITH AGUS MAR CHAIDH A CO-LIONAIDH. Bha h-uile duine, cha’n ann amhain mu’n chaisteal, ach an Ichburg gu leìr, fo iomagain ciod a chrioch a thigeadh air cuirt Mhairi bhochd. Bha an fheadhainn bu tairis fo churam thaobh a beatha; oir anns an am ud bha na laghanan ro-chruaidh an aghaidh na meirle, agus chaidh moran a dhiteadh gu bàs air son nìthean nach robh an leth cho fiachail ris an fhàine ’bha air chall. Cha robh dad ann a b’fhèarr leis an Iarla na Màiri fhaighinn neo-chiontach; chaidh e thairis air gach fianuis e-fhéin, agus chosg e moran uairean a’ rannsachadh chùisean comhla ris a’ bhàillidh, ach cha b’urrainn da dearbhadh sam bith fhaighinn gu’n robh Màiri neo-chiontach, chionn air léir ’s mar a bha [?]ean a’ sealltuinn, bha e do-dheante gu’m b’ urrainn am fàine a bhi aig gin ’s am bith eile. Ghuidh an da Bhan-Iarla, a’ mhathair ’s a nighean, le deoir ’na sùileabh, gun Mairi a dhiteadh fhathasd. Bha an seann duine anns a’ phriosan, ag urnaigh a’ latha agus a’ dh’ oidhche, gun stad, ri Dia, gu’n d’ thugadh e neo-chiontas Màiri fhathasd an uachdar. A h-uile uair a chluinneadh Màiri gleadhair nan iuchraichean aig fear a’ phrìosain a tighinn, shaoilidh i gur ann a dh’ ìnnseadh binn a bàis a bhitheadh e. Anns an am cheudna, bha fear sgathadh nan ceann a glanadh an àite air son na h-obair oillteil, le bhi a’ réiteach ’s a tarruinn air falbh gach luibh fhiadhaich a bha fàs ann. Bha Ceit ga fhaicinn ris an obair so, ’nuair a bhiodh i gabhail sraid, agus bha e toirt crith fhuar air a cridhe. Bha i fo gheilt mhoir; shuidh i sios aig a suipeir, an oidhche sin, droch nial oirre, ’si sàmhach, agus thug gach aon air aire nach robh a h-inntinn aig socair. Is gann gun a dhùin a suilean fad na h-oidhche, agus ’nuair a dhùineadh iad, anns a’ mhionaid dhuisgidh i le clisgeadh, oir barrachd is aon uair, bha i bruadar air ceann Màiri fliuch le fuil. Cha robh a coimhseas mi-cheart a leigeil tàmh leatha a là no dh’oidhche; ach bha ’n nighean shuarach cho sòghmhor agus saoghalta ’na cridhe agus nach robh de mhisnich aice, na chuireadh ceart na thubhairt i leis a chùis aideachadh ’an am. Ma dheireadh thall, thug am britheamh a mach a’ bhinn: “thoill Màiri airson mèirle shoilleir ’us thruim agus airson aicheadh cho dur, am bas; ach air sgàth a h-òige agus feabhas a giulain roimhe so, tha bhinn air a h-atharrachadh gu prìosan fad a làithean ’an taigh a’ cheartachaidh (correction); a h-athair a bha ’s a’ chionta còmhla rithe, no le ’theagasg eucorach a dh’ionnsaich an t-olc dith, theid easan a chuir air falbh gu bràch à duthaich an Iarla; agus theid na bhuineas daibh a reic gu beagan diolaidh-fiach a dheanamh air son an cionta mhòir, agus cosgaich a’ lagha.” Dh’aotromaich an t-Iarla a’ bhinn beagan eile, bha Màiri agus a h-athair ri’n cuir le chéile air fògradh as air dùthaich aige-san, agus dh’òrdaich e, los nach bithidh an còrr bruidhne mu’n chùis, gu’n togadh iad orra mu shoillearachadh an ath latha. ’Nuair a bha Màiri agus a h-athair g am giulain seachad air a chaisteal, thainig Ceit a mach gus an coinneachadh. Chionn gun a thionndaidh cuisean a mach ni b’fhearr na bha duil aice, bha i nise air fas aotram, cruaidh-chridheach mar a b’ abhaist. Bha e tuilleadh is dona leatha Màiri a chuir go bàs; ach ’s e cuir as an duthaich an rud direach a bha dhìth oirre. Bha cùram oirre daonnan gu’m faigheadh Mairi a h-aite fhéin. Cha robh an t-eagal so nise ri bhi oirre ni b’fhaide. A gràin air Màiri, a toileachadh gamhlasach, agus a cridhe eucorach fhuair an lamh-an-uachdair oirre a rithisd, gu buileach. Thuirt a bhan-Iarl’ Amelia ri Ceit,uair a chunnaic i a’ bhascaid bheag a thug Mairi ’ga h-ionnsaidh air bord a bha stigh, “Tog air falbh a bhascaid ud às mo shealladh, tha i dùsgadh smaointeanan brònach ’n am inntinn, agus cha’n urrainn mi sealltuinn oirre gun bhi muladach.” Chum Ceit a bhascaid an aite deiseil, agus thug i leath’ i ’nise dh’ionnsaidh an rathaid. “So, thoir leat do thabhartas air ais a rithisd,” ars ise gu tarcuiseach ri Màiri, “cha bhi dad aig mo bhana-mhaighstir urramach ri ’ghràthuinn ris an leithadain sin de thabhartan. Tha do bhòsd a nise air a thoirt a nuas cosmhuil ris na flùrs ’bha diul agad a chreic cho probhaideach agus tha mi ro-thoilichte ’bhi agam ris a’ bhascaid a thilleadh gad ionnsaidh a rithisd.” Thilg i a bhascaid aig casan Mairi, agus le gàire uaibhreach, thionndaidh i air a sàil, chaidh a stigh do’n chaisteal, agus thug i fuaim air an dorus as a déigh. Thog Mairi a bhascaid gu samhach, agus le deoir ’na suilean, chum i air adhart. Cha robh fiù a bhata aig a h-athàir, cha robh dad aig Màiri ach a bhascaid. Le sùilean déurach thionndaidh iad mu’n cuairt mìle uair, a shealltuinn air ais air dachaigh an athraichean gus eadhon, ma dheireadh, gun chiall iad sealladh air a chaisteal àrd agus air mullach stiobull na h-eaglais, le cnoc ard a bh’air a chomhdach le coille. ’Nuair a dhealaich na maoir ri Mairi agus ri ’h-athair, anns a choille mhoir, aig a chloich a bha comharrachadh a mach crioch duthaich an Iarla, shuidh an seann duine sios, sgith le bròn is trioblaid inntinn, air a’ chloich a bh’air a còmhdach le còinnich, agus air a duabharrachadh le craoibh dharaich a bha corr agus ceud bliadhna ’dh ’aois. Trobhad mo nigheann,” ars easan, agus ghlac e i na lamhan, agus thog i a lamhan suas ri neamh comhla ri ’lamhan fhéin, “airson gach ni thoireadhmaid taing do Dhia; chionn thug e sinn a mach as a phrìosan chumhan, dhorcha dh’ an tla-ghaoth sgaoilte so bho neamh; chionn ghleidh e ar beatha duinn, agus thill e thusa, mo nighean, a rithisd ’g am ionnsaidh.” Thog an t-athair a shùilean suas ris na speuran, a bha dealradh gu soilleir, gorm tromh dhuilleach uaine na craoibh dharaich, agus rinn e ùrnaigh le guth àrd. “Athair ro-ghràdhach th’anns na Flaitheas! Aon threise do chloinne air an talamh! Fhir-chuideachaidh nan truaghain! Tha sinn ro-thaingeil duit chionn gun a shaor thu sinn o cheangalaichean cruaidhe, o’n phrìosan agus o’n bhàs? Gabh ri ar taing airson gach mathas a bhuilich thu oirnn ’s an duthaich so. Cia mar a b’ urrainn duinn na criochan so fhàgail, gun sealltuinn suas ’gad ionnsaidh le gràdh! Feuch, m’an téid sinn a steach do thir chéin, ni sinn ùrnaigh riutsa! Seall a nuas air athair brònach, agus air a leanabh déurach! Gabh sinn fo d’ dhion! Bi thusa ’n a d’ fhear iuil diunn, air an t-sligh ghairbh sin, anns am feudar domhsa agus do m’ nighinn, a nise ma dh’fhaote, triall! Cuir sinn ’an rathad sluaigh criosdail, gluais an cridheachan gu truas; deonaich dhuinn, air an t-saoghal fharsuing so, gu’m faighmaid aon spot anns an caithemaid an corr d’ar laithean an sith, agus bas fhaoitinn le earbsa neo-mhearachdach. Ma dh’ fhaodte gu’n d’uidheamaid thu’n t-àite air ar son mar tha, ged nach aithne dhuinn’ e! A’ creidsinn ’s ag earbs’ annad tha sinn a’ cumail air aghaidh gu misneachail.” Air daibh a bhi ’g urnaigh mar so, Mairi ag aithris ’na cridhe, briathram a h-athair, ghlac iad misneach mhios bhuileach, agus lion an cridheachan le sith a bha àrd agus sòlasach. CAIB. VIII. CARAID AN AM AN FHEUMA. Aig an am so, co thainig a mach as a’ choille ach Antoni, sealgair an t-seann Iarla, air an robh Iacob gle eolach aon uair, ann a’ seirbhis a sheana mhaighstir. Bha e sealg féidh fad an latha. “Dia ’gur gleidheadh, Iacob,” ars easan, “an sibh a th’ann? Bha mi smaointeachadh gur e ur guth a chuala mi, agus cha’n ’eil mi air mo mhealladh. Agus dh’fhogair iad thu ’g a rìreadh! Tha e, gun teagamh, gle chruaidh air duine a dhuthaich fhagail ’na shean aois”! “Ge b’e aite ’s am beil na speuran gorm,” ars Iacob, “’se obair De a’ chruinne, agus anns gach ionad tha ’ghradh maille ruinn; ach ar dachaigh cheart tha anns ’s na Flaitheas.” “Thighearna dean trocair oirnn!” ars an sealgair le guth truacanta, “agus na chuir iad air falbh thu direach mar tha mi gad fhaicinn? Am beil thu eadhon, gun chuid an fheuma de dh’aodach air son an turuis!” “Easan a tha sgeudachadh na flùrs, sgeudaichaidh E sinne, cuideachd,” fhreagair Iacob. “Am beil a’ bheag na mhor de dh’airgiod agad!” dh’fheoraich an sealgair. “Tha cogais ghlan againn,” ars Iacob; “agus mar sin tha sinn ni’s beartaiche na ged a b’òr a’ chlach air am beil mi ’n am shuidhe, agus gu’m b’e mo chuid fhéin i.” “Nach eil beagan bhonn agad co dhiu? ars an sealgair. “A’ bhascaid fhalamh ud aig mo chosan, sin agad mo mhaoin,” ars Iacob. Gu de shaoileas sibh a’s fhiach i? “An ainm an Fhortain,” fhreagair an sealgair gu bronach, “’s fhiach i tasdan, no ma dh’fhaodte, leth chrun; ach nach beag sin!” “Nise,” ars Iacob, le gàire, “ma’s fhiach i ’n uidhir sin, tha sinn bear [TD 42] [Vol. 9. No. 6. p. 2] teach mar thà, ma dh’fhagas Dia feum mo dha ghairdean agam; ann am bliadhna theid agam air aon cheud de’n t-seorsa bhascaidean sin a dheanamh, agus le ceud leth-chrun bhithinn gu math dheth. Bha m’athair ’na fhear deanamh chraidhleag, dh’ionnsaich e dhomhsa a cheaird sin agus gàradaireachd, air dhoigh ’s gu’m faighinn obair ’s an gheamhradh. Tha mi toìrt taing da air a shon a nise, ged tha e ’s an uaigh. Rinn e barrachd air mo shon-sa agus sholair e air mo shon ni b’fhearr, na ged a dh’fhagadh e da cheud punnd, suim a bheireadh a stigh gum ionnsaidh, ann a riadh, mu thri puinnd deug ’sa bhliadhna. Inntinn shiochaint, com slan, fallainn, agus ceaird onarach, fortan a’s fhearr ’s a’s cinntiche air talamh.” “Moladh do Dhia ma ta,” ars Antoni, “a chionn gun d’ theid agad air a chuis a ghabhail mar sin: ’s fheudar domh aideachadh gu’m beil thu ceart. Tha mi creidsinn, cuideachd, gu’n bi t-eolas air gàradaireachd ’n a bhuannachd mor dhuit. Ach cait am beil duil agad a dhol?” “Air ar n-aghaidh,” fhreagair Iacob, “gu aite far nach aithnich duine sinn, far an stiuir Dia sinn.” “Iacob,” ars an sealgair, “gabh am bata laidir, math, droigheann so. Gu sealbhach thug mi leam e, as aonais cha bhiodh e furasda dhomh tighinn tromh’n choille dhuint’ ud thall. Cha ’n ’eil fiu a’ bhata agad-s’ air son an rathaid.” Thug e sin sporan beag leathair as a phòca, shin e do Iacob e ag ràithinn, “So dhut beagan airgeid. Fhuair mi e air son connaidh an dé, anns a’ bhaile bheag ud thall, far na chuir mi seachad an oidhche.” “Gabhaidh mise bhuat am bata gu toileach,” ars Iacob, “agus tha mi ro-thaingeil duit air a shon; ach an t-airgiod, cha’n fhaod mi ’ghabhail, fhuair thu e air son connaidh, agus is leis an Iarl’ e.” “Is seann duin onarach thu, Iacob,” ars an sealgair, “ach na biodh eagal ort an t airgiod a ghabhail! Is fada bho’n fhuair an t-Iarla ’phaigheadh. Thug mise an t-suim an iasad, o chionn beagan bhliadhnachan, do dhuine bochd, aig nach robh dad ach aona mhart, agus cha do chuimhnich mi tuilleadh air as deigh sin. An dé, thill e’n t-airgiod ’gam ionnsaidh, le taing, oir tha e’n nise ann an cothrom na’s fhearr. Tha e soilleir gu leoir gur e Dia ’tha cuir na suim so a’d rathad-sa.” “Gabhaidh mis’ e gu taingeil,” thubhairt Iacob, “agus paighidh Dia i air ais dhut-sa ’an doigh air choireigin. Seall, a’ Mhairi, mar a sholair Dia gràdhach dhiunne, eadhon ma’n a ghluais sin air an t-slighe. Ma’n do ghluais sinn far na clioche so, dh’eisd Dia ri ’r n-urnaigh. Biodh deagh mhisneach agad, ma ta, gabhaidh Dia fathasd curam duinn.” Le deoir ’n a shuilean ghabh an sealgair a chead diubh.” “Beannachd leibh, Iacob! beannachd leat a’ Mhairi,” ars esan, ’s e sineadh a laimhe dhaibh. “Bha barail dhaoin’ onarach agam riamh oirbh, agus tha bharail sin agam fhathasd oirbh. Thig an fhirinn an uachdar uaireigin. Cha sheas ach an onair. Cha treig Dia gu brach am fear a ni ’n ceartas agus a chuireas earbs as. Cum cuimhne air a sin, agus gu’n cuireadh Dia turus math oirbh!” Thill an sealgair gu Ichburg. Dh’eirich Iacob, rug e air laimh a nighinne, ghabh iad an rathad tromh’n choille—a mach feadh a t-saoghail mhoir, fharsuinn. (Ri leantuinn.) LITIR A AFRICA. Tha sinn a toirt na litir so as an Highland News. Bha i air a sgriobhadh gu “FIONN” le “K. W. G;” agus tha sinn a’ meas gu’m bi e taitneach le luchd-gabhail MHIC-TALLA a’ leughadh, o’n tha moran innte-thaobh dùthaich mu’n robh iad a cluinntinn iomadh sgeul re an da mhios dheug mu dheireadh. Port Elizabeth, C. C., Africa mu Dheas, 26 latha de Mhaigh, 1900. MO CHARAID DILEAS,—Fhuair mi air tìr mu dheireadh, an déigh a bhi sea seachdainean ach aon latha air an fhairge. ’S beag fiughair a bh’ agadsa ’s agamsa ’n uair a dhealaich sinn ’an sràid an Dòchais, an déigh am feasgar a chur seachad le cuid de chinn-iùil nan Gaidheal, ag éisdeachd ri Coisir-Chiùil Eaglais Chaluim Chille, gu’n gabhadh e cho fada Ceap an Deadh Dhòchais a ruigheachd. Bhe e ’m làn bheachd sgriobhadh roimh ’n àm so, ach ’s ann a chuir e ’m thuiririch mi mar a tha na h-uile rud car-mu-chrios anns a chèarn so do ’n t-saoghal. Cha robh mi uile-chinnteach cor-uair co dhiubh bu mhi fhéin na cuid-éiginn eile bh’ agam leis a char-a-mhuiltein a chuir an talamh dheth; a ghrian ri tuath aig meadhon-latha; an Geamhradh air a chàramh anns a Chéitein, ’s gun fhiughair ri Earrach gu Lunasdal, speur na h-oidhche féin air caochladh cho mòr nach fhaicear an Crann, le reul-iùil’ na h-Airde-tuath, ged a tha, gu fortanach, an grioglachan, ’s an t-slait-thomhais air am fàgail againn. Cha ’n e mhàin sin uile, ach tha mùghadh air gach ni air aghaidh na talmainn. Tha aon phreas sonruichte as nach toirear bioran am feasd, oir tha e air a deanamh a suas gu h-iomlan de fhaoban liath-uaine, cho mhòr ri làmh duine, gach “leàbag,” mar a dh’ fheudar an ainmeachadh—a cinntinn a cliathaich na leàbag eile, agus na h-ùbhlan air an stobadh ’nan sreith mu’n cuairt air oir gach faob. Cha mhòr nach do chuir e uamhas orm, a cheud uair a chunnaic mi e; bha leam gu ’n robh e na bu choltaiche ri lus a chinn an grumad a chuain, agus a chaidh a chur ’am mearachd, gu cinntinn air taobh na beinne. ’S ann bheireadh e orm a shaoilsinn gu’n robh mi’n trom-lighe. Chithear na h-éisg ag itealaich ’n an sgaoithean thar mullach nan tonn, agus tha faoileann ann agus steàrnalan dorcha-odhar ri fhaicinn cho tric ris an fheadhain gheala Anns na bailtean, mar an ceudna, tha mùghadh mòr seach aig an tigh. Anns a bhaile so féin tha mu’n aon àireamh de dhaoine dubha ann ri daoine geala, air am measgadh air na sràidean mar a tha na cneumhaich ’s na faoilleannan an dail, as déigh a chroinn. Cha do ghabh mi mòr-iongantas ochd cuing dhaimh fhaicinn na eadhoin fichead asal a tarruing aon chairt, ach cha robh fhios agam ciod a theirinn an uair a chunnaic mi daoine dubh a tarruing charbadan eutrom, le fir, na clann, na mnathan annta! Bha aon duine dubh a tarruing gach carbad. An aite bonneid, bha paidhir adhaircean air a cheann, léine geal boireannaich mar chòt’ air, agus brigis gheal chotain a ruig beagan thairis air a ghlùn. Nam faiceadh an steud-each so duine ’dol ’san rathad air thoisicheadh e air bùirich, ’s air gabhail air gu’n robh e ’dol ’gam purradh leis na h-adhairceann; cha b’ fhada bhiodh so a fosgladh rathad réidh dha. Tha na daoine so cas-ruisgte, agus theirear nach ’eil dòigh eile na’s grinne na so air an taobh eile, theirear gu’m bheil e gu mòr a’ giorrachadh beatha nan daoine ’tha a tarruing a charbaid. ’S e ’their mise, gu’m bheil tuille meas agam air duine sam bith gu ’chur gu a leithid de obair. A nis, o’n a fhuair mi cho fad ’air adhart, ’s fhearr dhomh toiseachadh as ùr far an do bhris mi dheth anns a cheud fhios a chuir mi chugad. Bha sinn deich lathan an déigh tighinn air bòrd, am feadh a bha sinn ’n ar luidhe aig Gibraltar, a gabhail a stigh luchd de pheileirean air son nan gunnacha mòra. Ghabh sinn a stigh muilion cuairt do shligean-cogaidh. A thuilleadh air so, bha tunna na dha de bhriosgaìdean, agus mar an ceudna leabaichean, ’s bobhstairean, a bha ri ’bhi air am fàgail aig St. Hèlena air son nam priosanach, ’s an luchd-gleidhidh. Dh’ innis mi ’s an litir aig an am sin gu’m b’ fheudar roit a thoirt null gu Eirinn, far an d’ thainig rèisimeid nan 4mh “Glosters” air bòrd. Aig Gibraltar thainig dithis de oifigich nan Camshronaich air bòrd. Eadar shaighdearan is muinntir eile bha mu mhile pearsa againn air bòrd. Cha robh dith air a bhi cridheil, le cleasan, ’s cluich air pheilsteirean, ’s ioma dòigh eile gu ar n inntinn a chumail a suas, ’s bha feum againn air rudeiginn de’n t-seòrsa, oir bhiodh dluth air ceithir-la-deug mun ruigeamaid tìr. Tha na peilisteirean air an deanamh de ròpa, agus glé bhitheanta tha an luchd-cluich a feuchainn co-meud dhiu a thilgeas iad anns a bhucaid a tha air a cur aig astar sonruichte uapa. Bha aon chleas gu math àbhachdach. Shuidh gogairneach mòr de shaighdear air beingidh ’s le lamh air gach glùn—lùdag a laimh air a ghlùn, ’s na làmhan fosgailte gu ceapadh—thainig coileachan le dhuine beag tòiseil ’s chaidh e air a mhàgan mu choinneamh an t-seardsent. B’e ’n cleas, gu’m faigheadh an duineachan a cheann a sios eadar glùinean an t-saighear gun sgleog fhaighean thairis air cluasan o na lamhan a bha fosgailte ’feitheamh ris. “Gog-gog-gog-gog!” ars’ an coileachan, ’s e ’g amhare an clàr-aodain a ghogairnich, gus an d’ fhuair e tumadh clis a thoirt d’a cheann, gu’n na spògan a bheantainn ris agus ’s ann an sin a dh’ éirich a ghogail ’sa ghlaodhaich cho ceolmhor ri coileach dùnain a chualas riamh, a cur an fhir eile ri ’dhùlan. Chaidh so air adhart gus’ an d’ thainig an ceann crom a nìos a rithis le buaidh chaithream ’s le “gog-gog-ù” gu goiseil ’an aodann a choilich mhòir. Mar do ghàir daoine an latha sin cha do ghàir iad riamh. Thainig gille caol, àrd, fad-chluasach a nall, ’s dh’ fheuch esan an Seargent. Fhuair e ’cheann a sios gun dochann, ach ann an gogadh a nìos air ais, dhùin na spògan mòra le sgleog air gach leth-cheann ’s cha mhòr nach do sgrios iad na clusan dheth! Bha ’n saighdear duilich, ach am feadh a dh’ iarr e maitheanas bha féith-ghàire ’na shùil, ’s cha do ghabh am balach idir gu don’ e. Air là eile chaidh bocsa do iarrunn geal a chrochadh a mach air barr croinn thàr taobh na luinge, mar bhall-cuimse, ’s leig na saighdearan ioma dairireach air le ’n dagaichean. Ach air do threud mhuca-biorach dol seachad, thoisich iad air losgadh air na creutairean, ’s chaidh fear dhiubh a leòn. Beagan ’na dhéigh sin thainig paipeir-naigheachd a mach fo ainm “The Vandal.” Chaidh a ràdh leis an fhear-ullachaidh, gu ’n bu Ghotaich oifigich an t-soithich, a chionn gu ’m b’e ’n “Got” a b’ ainm dhi. B’ iad na taisdealan, mar sin na “Vandalan. Anns a phaipeir so bha litir, a réir mar a leanas, Fhir-Ullachaidh Shuairce, O chionn latha na dhà, bha mi ’gabhail sgriob mu’n cuairt air a “Ghot” le ’m pharantan, an uair a chaidh urachair a thilgeadh air m’ athair a cheart deòin an fhir a rinn e. Chaochail m’ athair o na lotan a fhuair e. A nis, cha b’e Gotach a chuir so an gnìomh, ach aon do na Vandalan, agus tha mi ’n dochas gu’n cuir sibh an ceill mo chùis, agus gu’n tagair [TD 43] [Vol. 9. No. 6. p. 3] sibh gu’n deantar rium a thaobh a cheartais anabarraich sin air son am bheil Breatunn cho cliùteach. Na ’m b’e gobag-mhòr (shark) a bh’ ann am athair cha b’ iongnadh ged a dheantar ball-cuimse dheth. Ach cha d’ith gin de’n chuideachd againne riamh duine, ach aon uair, a chaidh taisdealach a shluigeadh ’am mearachd agus chaidh a thilleadh air a chladach gun dochann air. Ciamar a thigeadh e ris an Vandal a chuir am peileir ’am athair, nan tilginnsa air athair-san, na eadhain na ’n toirinn air car-a-mhuiltean a dheanamh an uair a bhiodh e smògail anns an t-sàile? Tha e air a chur as ar leth gu m’ bheil sinn toigheach air an sgadan. Nach ’eil na Vandala a chearta cho déigheil air? Tha e air a radh gur e fior anail na beatha leinn a bhi ri séidil ’s ri spùtadh cobhar ’s an athar. Nach ’eil so cho fìor mu ioma Vandal, a tha ’taomadh gun stad sruth cainnt a mach nach fheàrr na’n cobhar faoin?” Agus mar sin a sìos. B’e ’n t-ainm a bha ris an litir—“Grampus Junr.,” agus chuir am Fear-Ullachaidh as a ceann, mar cheann—sgriobhaidh, “very like a ‘wail.’” Cho-dhùin an litir le guidhe nach rachadh tilgeadh gun aobhar air co-luchd-turuis neo-chionntach, ’n uair a bhiodh iad a gabhail sràid. Air a shon so, chum treud anns nach biodh na bu lugha na ceud do na mucan-biorach, agus a biodh mu mile air fad, astar math air falbh a mach a cunnart nam peileirean Ma na lathan so thainig cuig companaich mhisneachail air bòrd. Bha iad a’ dol comhla thairis o chorsa na h-Africa gu eileanan nan Canàrien o agus air faicinn doibh an “Got” a bhi aig lamh, thainig iad a chur an sgìos tachdan air bòrd. B’ iad so, dà da chalaman, ghealbhon, agus brìd-eun beag, biteach bòidheach. Dh,’ fhuirich iad leinn fad latha, ach dh’ fhalbh iad air an ath mhadainn. Mar so ruith an ùine gus an d’ ruig sinn eilean St. Helena, Bha sinn ri bhi ’stigh aig Baile-Sheumais beagan an déigh briseadh na fàire air Di-Sathuirne, an 21de latha de April. Cha robh feum air ar dùsgadh air a mhadainn sin. Bha sinn air ar cois aig solus latha, agus a suas air clàr na luinge, le sodan tìr fhaicinn, agus le déigh gach ni ùr agus iongantach a rannsuchadh a mach. Aig a cheart àm bha sinn car muladach beannachd fhàgail aig na “Glosters,” a bha cho cridheil, bheusach, laghach ’s a ghabhadh daoine a bhith. Tha Eilean St. Hélena mu 18½ mile o thuath gu deas. Air amharc a mach dhuinn, chunnnaic sinn monadh liath, glé choltach ann an cumadh ri “Suidheachan Artair” air Dùnéidiunn, ach gu ’m bheil an leomhann na’s lugha. Bha sin aig oir dheas an eilean. M’ar coinneamh dh’ éirich mar gu’m biodh ann grioglachan de “Chreagan Gibraltar” am ballachan liath ’s an stallachan corrach sgorrach gun bhileag fheoir a reir coltais. Eadar da bheinn, air an urlar aimhleathan aig am bun bha baile beag, do thighean geala am measg chraobhan dosrach. Shaoilte nach robh ann ach lan duirn de thighean uile gu léir, agus bha na daoine air an rathad mhòr aig iochdar na creige, taobh a chladaich mar nach robh annta ach seangain. Chaidh an “Got” a stigh do ’n chamus gu h-athaiseach uaibhreach, ’s thilg i acair eadar da luing mhòr. B’ i h-aon diubh an “Niobe” long-chogaidh, a tha ’n sin gu faire a ghleidheadh air an eilean; b’i an te eile an “Lake Erie,” a bh’air ùr thighinn, le thairis air 300 prìosanach. Bha ’n Seanalair Cronje, le a bhean ’s a theaghlach, Coirneal Schìel, Capt. Albrecht, agus thar 400 priosanach cheana air tìr. Aig mullach na creige mòire os ceann a bhaile air an taobh tuath dheth, bha tigh geal, a dh’ ionnsuidh an robh a treòrachadh staidhir de 700 ceum, air a gearradh as a charraig bheò. Bha suaicheantas Bhreatuinn os ceann an tighe so. Bha e ’n a Thigh Sanuis gu fiosan a chur a mach eadar an t-eilean ’s an long-chogaidh. Cha robh ach mu sheachdain o ’n a cheangail cabul an dealanaich e ri Baile ’Chip, agus tha ’n Guth-theud a ceangal gach oisin do ’n eilean ris an Tigh-Shanuis. Ann an tigh eireachdail dlùth air mullach coirre boidheach, a tha ’fosgladh a suas mu choinneamh an “Niobe” tha ceannard an eilean a fantuinn. Mu 300 tr. na’s isle tha “Kent Cottage,” an tigh aig Cronje. Cha ’n fhaod duine ’s am bith dol na ’s dlùithe dha na mu thuaiream 100 tr.—gun chead fhaotainn o oifigeach a Chrùin. Eadar a’ bheinn air taobh deas a bhaile, agus a cheud mhonadh a dh’ ainmich mi, tha gleann beag cumhann, a fosgladh air camus uaigneach. ’An so tha uaighean nan traill a bha ’bàsachadh air do na soithichean ruith a stigh am falach do ’n Chamus so, an déigh dhoibh luchd do thraillean a ghlacadh an Africa. Tha am mullach is àirde ’s an eilsean thairi air 3000 tr, agus ’s ann de “lava” a tha na creagan air fad. Chi thu ’nis, le suil d’ inntinn, rathad a suas air cliathaich na sgorr-bheinn, ris an laimh chli mar a theid duine ’stigh air geata’ bhaile. Chaidh an tòisein beag sulbhre pongail a bha ris a ghogail, air tìr tràth air madainn Di-luain. Bha ’n t-uisg’ ann air Di-Sathuirne—’s fhuair e gealladh an t-aon charbad a bh’ air an eilean fhaighinn fad latha, oir chuir sinn air bonn gu’n rachadh cuideachd againn comhla a dh’ fhaicinn uaigh Bhuonaparte, agus an tigh ’s an do chaochail e. Bha cuid de na h-oifigich aig na “Glosters” a’ deanamh a suas an inntinn gu ’m faigheadh iadsan an carbad, ach bha sinne air thoiseach orra; rinn sinn mòran bosd thairis air a’ ghnothach. Chuir iadsan,air an taobh-san gu dùlan sinn, gu’m biodh iad shuas cho luath ruinn fhéin. Aig 9 uairean fhuair sinn bàta a thug gus an ceadha sinn. Bha am bathar ’ga charnadh an sin, as na bàtaichean aisig, balaich dhu, is dhonn, is ciar-bhuidhe cho traug ’s a bh’aca ’ga ghiùlan a stigh; spriteadh de dhaoine geal ’nam measg, agus aon Dùidseach mòr somalta, a sheas a leth-taobh. Bha na saighdearan an sin cho tiugh, ’s cho trang ri seilleanan, am measg a bhathair. Bha ’n carbad, le dà each làidir a feitheamh oirnn, ach cha tiuchdadh tuille na triùir air an aon àite-shuidhe a bh’ann agus aon aig an toiseach leis a charbadair. Theirtear “Iain” ris gach duine dubh, na ri duin’ air bith anns am bheil “spuaic de’n teàrr”—ach ’s e “Samy” a theirtear ris na “Malays,” a chionn tha mòran da ’n ainmean a criochnachadh leis na litrichean sin. A stigh do’n charbad ghabh sinn, ’s a nunn thun na drochaid, a bha thairis air dìg mhòr fharsuing, ’s a stigh air geata a bhaile, Toisein, ’s duin’ uasal eile a bha leinn, a coiseachd as ar déigh. Ghabhadh an dig Lionadh le uisge nan robh nàmhaid a feuchainn tighinn air a bhaile agus tha ’n geata air a ghlasadh gach feasgar, gu ceithir uairean ’s a mhadainn. A suas “sràid Napoleon,” chaidh sinn le fuaim nach robh cneasda, na h-uile bean is pàisde a ruith a mach ’dh’ fheach cò a bh’ ann. Ach, aon uair seachad air a chabhsair, bha ’n rathad cho cas nach b’urrainn na h-eich ach dol suas gu math mall. Cha robh againn ach aomadh a thoirt d’ar ceann, ’s chitheamid thairis air a bhalla fada shìos, na gàraidhean, ’s mullach nan tighean. Chunnaic sinn Tigh-eiridinn an Airm-dheirg, le seà bùthan air an lòn air a bheulaobh, anns an robh na priosanaich thinne. Beagan na b’fhaid, air ahart, air cnocan os cionn oir a bhaile, bha’n tigh anns an robh Napoleon, na ceud bhliadhnaichean an déigh dha tighinn do’n eilean. Bha so uile air ar làimh dheis, anns a ghleannan chumhain. Ris an làimh chli, bha’n sgorr-bhein ag eiridh. An toiseach cha’n fhaicte ach luithean beaga thall ’s a bhos leò fhéin am measg nan clach. Ach uidh air n-uidh mar a b’àirde chaidh sinn bha preas, is preas eile, ’s an sin gràinnean còmhla, ag éiridh eadar na càrnaich, ’s mu dheireadh, mu’n d’ ràinig sinn am mullach, tha bothain bheaga a suas gu’n sùilean ann am blàthan, ’s am preasan boidheach, as an robh aodainn bheaga dhubha ag armharc a nuas gu h-aobheil, air mala na beinne. Aig linn nan craobhan àlois, agus preasan peura-stobach, bha’n “geranium” a cinntinn fiadhaich, agus e aig an aon àm cho maiseach ’s a tha e againn anns na h-uinneagan aig an tigh. Bha lilighean àluinn agus ioma gnè flùran eile nach ’eil againne ach anns na tighean tethe a cinntinn anns na callaidean mu na gàraidhean. Air dhuinn faighinn gu ruig so sheas sinn, agus thainig Tòisein a nios, an anail ’s an uchd, ’s e cho dearg ri coileach-frangach leis an teas. ‘Ciod?” ghlaodh e, “ciod a thug oirbh teicheadh orm?” ’s thog e saicean làn mheasan, ’s chrath e mu ’r coinneamh e. Bha e cho sgìth le ruith ’s an teas a nios am bruthach, gu’n do sginnic e ’stigh laimh ris a charbadair. Ach mar a b’airde chaidh sinn ’s ann a b’fhionnaire dh’fhas an àile ’s bha caochladh a tighinn eadhoin air na seorsa chraobhan is lusan. Thainig sinn air na smeuran, ’s an sin chaidh sinn triomh choille ghiuthais, cho coltach ri coille Dhùnchuaich, os cionn caisteal Ionaraoraidh, gu’n do dhio-chuimhnich mi far an robh mi, ’s dh’ amhairc mi mu’n cuairt air son gasan roid! Bha sinn cho àrd os cionn a chamuis, nach robh anns a “Ghot” ach rud beag dubh air brata soillseach sìoda gorm, air a phreasadh le liath-ghorm thall ’s a bhos, far an robh ’n oiteag ag anaileachadh air. Bha na coirreachan ’s na glinn gu h-iosal fodhainn, cuid diubh creagach, glas le sgàrunaich ach mòran diubh gorm, doireach, giuthsach, le croitean, ’s dailtean mu na tighean briagha geala, ’s na bothain bheaga phongail. Rug na h-oifigich oirnn mu’n d’ ruig sinn am mullach, agus rinn an Sasunnach a suas ruinn mu’n d’rainig sinn uaigh Napoleon. Chaidh sinn uile sios comhla do’n lagan àilidh ’s am bheil i. Fad naoi-bliadhn-deug luidh an sin corp a Bhuadhair mhòir g’am b’fheudar strìochdadh mu dheireadh. Leig Breatunn leis na Frangaich a thogail, ’s a thoirt gu Baile mòr na Frainge. Cha ’n e ’mhàin sin, ach leig iad leis an Fhraing an tigh anns an do chaochail e a cheannach, agus tha duin’ uasal Frangach a nis a gabhail cùram dheth. Thug e smuairean orm seasamh an sin, oir chunnaic mi an t-ait-adhlaic anns an Fhraing cuideachd. Sgriobh mi m’ ainm ann an leabhar an luchd-taghail, ’s gheibh thu’n sin e a cheud uair a theid thu ’n rathad. An déigh streap ri aodann a bhruthaich fhuair sin an carbad a feitheamh, an déigh cuairt a dheanamh mu cheann an lagain. An so shuidh sinn greis, a ghabhail greim arain, ’s a feuchain nam measan a bha ’s an t-sac. Bha aon seorsa meas ann a chaidh a ghabhail le spàineag; bha e cho mòr ri ugh beag, agus an taobh stigh do ’n (Air a leantuinn air taobh 46.) [TD 44] [Vol. 9. No. 6. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan ein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OGUST 10, 1900. Bha rioghachdan mora na h-Eorpa, gu sònraichte Breatunn agus a’ Ghearmailt, o chionn iomadh bliadhna, a’ creic ghunnachan, luaidhe ’s fudair ri muinntir Shina. Agus a nise, ’nuair a tha na Sìneich air a dhol gu aimhreit, tha aig na dùthchannan sin ri ’n cuid shaighdearan a chur a null gu bhi air an tilgeadh leis na gunnachan a chreic iad fhéin riutha. ’S e ar barail gu’n aidich na h-Eòrpaich an ùine ghoirid gu’m bu daor an ceannach dhaibh airgead sam bith a rinn iad le bhi creic arm ris na Sineich, an aon sluagh a’s lionmhoire ’s a’s an-iochdmhoire tha air uachdar an t-saoghail. Tha moran òir air fhaotainn a nise aig àite ann an Alaska ris an canar Nome. Tha e air fearann nan Stàidean, agus tha ’n sluagh a chruinnich ann cho mi-riaghailteach ’s gu’m b’ fheudar an t arm a ghairm a mach gus sith a dheanamh. Ann an Dawson, air fonn Chanada, bha sith agus riaghailt air an gleidheadh o thoiseach, ged a bha ’n sluagh a bh’ ann dhe ’n aon seòrsa ’sa tha ’n duigh ann an Nome. Fo bhrataich Bhreatuinn tha beatha agus cuid dhaoine daonnan sàbhailte; cha’n urrainnear a radh gu bheil sin an còmhnuidh fior mu bhratach nan Stàidean. Chaochail seann seoladair d’am b’ ainm Frederick Jerome, ann an San Francisco, an la roimhe, a rinn ainm mor dhe fhéin mar fhear-sàbhalaidh beatha. Shàbhail e, re a bheatha, còrr us mile duine o bhàthadh. Fhuair e iomadh duais luachmhor agus chuir roinn de bhailtean urram air air son a threubhantais ’sa thapadh. Am measg nan duaisean eile fhuair e bha aon duais shonraichte thugadh dha le Ban-righ Victoria. Tha ceannairc mhor a’ dol air adhart o chionn mios no dha ann an Columbia, aon de dhùthchannan America Deas, ach ’se gle bheag a tha chuid eile dhe ’n t-saoghal a’ cluinntinn uime. Faodaidh righ-chuairt a bhi ann an aon de na staidean beaga sin uair no dha ’sa bhliadhna ’s cha chuir an saoghal uidhreachd sam bith air. Chaidh soitheach seolaidh, luchdaichte le stuth làidir ’s tombaca a ghlacadh a mach o Cheticamp, Di-satharna s’a chaidh. Thatar a’ meas gu bheil mu fhiach da fhichead mile dolair oirre; thainig i á St.Pierre, agus ’s ann air son i bhi bristeadh air laghannan na cusbuinn a chaidh a glacadh. Na Corachadh-Margaidh. LE DONULL MAC CALUM. Chuir an Gille roimhe gu’n sailleadh cheilg do Chaomhan; ’se sinri ràdh gu’n deanadh e daor dha i. Gu sin a dheanamh bha e deas gu coinneachadh ri onair mar ni thu ri cloich a dh’fhaodas a bhi romhad air an rathad-mhòr, a tilgeil a thaobh. De na bha do ghrinneas ann an nàdur Claomhain ’s a’ Ghille bha chuid a bu mhò air a chaitheadh air na coin a bhiodh iad a cumail. Is cinnteach mi nach robh Jehu ni bu mhotha á chuid eich na bha iadsan às an coin. Is e “Lion” an t-ainm a bh’air cù a’ Ghille agus is e “Samson” an t-ainm a bh’air cù Chaomhain. Rinn an Gill’ a suas ri dithis de choracha-margaidh a bhaile gu’n goiteadh iad “Samson” air Caomhan agus gu’n cuireadh iad ri creig e. “Tha doigh no dha air cù a mharbhadh gun a chrochadh.” Shuidhich iad oidhch’ air an deanadh iad sin. Ach de rinn fear de na coracha-margaidh ach dol, os iosal, agus innseadh do Chaomhan de bha air a dheanadh a suas aca, ’s gu’m biodh duais dhùbhailte. Mar so thuirt Caomhan ris—“Rach thus’ agus dean gach ni a dh’iarras an Gill’ ort, agus cha bhi do shaoir an diomhain. Bha mise dol a mharbhadh a’ choin co dhiu.” Bha fios aig an duine nach bi siod an fhìrinn, ach cha d’ thuirt e sin ri Caomhan. Bha fios aige nach ann gun aobhar a rinn e breug dha. Air an oidhch’ a chaidh a shuidheachadh ghoit an Gille ’s na coracha-margaidh an cù a tigh-chon Chaomhain,ach cha luaithe chuir iad ris a chreig e na rug “policeman” mor air chùl amhaich air a’ Ghille agus chuir fear eil’ a ghlas-lamh air. Chaidh an Gill’ a dhiteadh agus fhuair e tri miosan priosain. ’Nuair a thàinig e dhachaidh thuirt Mòr a nighean a bha cumail a thaighe (cha robh a bhean beo) ris—“Tha mi ’n dùil, athair, gu bheil sibh sgith de ’n phriosan a nis.” “Cha’n eil,” ars easan, “ach tha mi coma o’n a fhuair mi cù an t-sloighdair’ a mharbhadh. C’àit am bheil “‘Lion’ nach ’eil e tighinn gam’ fhàilteachadh?” “Cha’n fhaic sibh,” ars ise, ‘Lion’ bochd tuille. Is e a chuir sibh féin ris a chreig an àite ‘Shamson.’” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Arineis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29. 1900 1yr SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 45] [Vol. 9. No. 6. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha tigh-òsda mor, a chosgas coig mile fichead dolair, ri bhi air a thogail ann an Glace Bay. Bha’n Dotair Fearchar Mac Fhearghais agus a theaghlach anns a’ bhaile agus aig a sheann dachaidh fad da sheachdain. Thill iad air ais do New York Di-luain s’a chaidh. Tha réis bhàtaichean gu bhi air an acarsaid Di-satharna. Tha aca ri seòladh o Shidni gu Sidni Tuath agus air ais. Tha àireamh bhàtaichean gu bhi anns an réis ma bhios an latha fàbharrach. Thachair sgiorradh báthaidh ann an Charlottetown, E. P. I, maduinn Di-mairt. Bha réìs bhàtaichean anns an acarsaid, agus chaidh fear de na bátaichean thairis. Chaidh aon duine, Mark Riley, a bhàthadh, agus chaidh tearnadh gle chaol air ceathrar eile. Tha e air innse gu bheil a’ Bhan-Impire Frederick, màthair Impire na Gearmailt, gu tinn, agus nach eil dùil gu’m bi i beò ach ùine ghoirid. Is i so an nighean a’s sine aig Banrigh Victoria. Tha ’n eaglais ùr Chléireach, aig Whitney Pier, ri bhi air a fosgladh air an t-Sàbaid s’a tighinn. Tha an t-Urr Iain Mac Ille-mhaoill, D. D., à Halifacs, gu searmonachadh innte maduinn us feasgar. Tha cùisean ann an Sina dona gu leòr, ach tha e coltach nach eil iad cho dona ’sa bha daoine ’n dùil. Tha fios air tighinn gu bheil na teachdairean Eòrpach ann am Pekin fhathast beò, ged a bhatar a’ deanamh cinnteach roimhe so gu robh iad air am mort. Tha togail an taigh-sgoil ùr ri bhi air a dheanamh le Lefurgey, Clark & Co. Cosgaidh e mu chog mile fichead dolair. Tha tigh-sgoie ri bhi air a thogail aig Whitney Pier anns am bi ceithir rumannan. Chosg am fearann air am bheil e gu bhi air a thogail coig ceud deug dolair. Tha am baile ’n deigh pios fearainn a cheannach air sraid Shearlot, a deas air an eaglais Shasunnaich, far am bi togalaichean air an cur suas air son feum a bhaile. Tha ’n t-siorrachd an deigh pios a cheannach ri thaobh far am bi priosan agus tigh-cùrtach air a thogail. Chosg na cheannaich am baile coig mile dolair, ’s na cheannaich an t-siorrachd ceithir mile ’s coig ceud. Chaidh fear Thompson a ghoirteachadh aig an obair iaruinn Di-satharna, agus chaochail e oidhche na Sàbaid. Bha e draibheadh paidhir each air an làimhrig, far an robhas a toirt luchd bhar soitheach. Bhrist an ròp air an robh na h-eich a tarruinn, agus bhuail an t-amul air-san anns an uchd. Chaidh a thoirt d’an ospadal, agus rinneadh gach ni a ghabhadh deanamh air a shon, ach cha robh sin a chum feum, agus chaochail e. Ma’s math leat a bhi leughadh naigheachdan na seachdain, maille ri moran de leughadh taitneach eile, ann an cainnt do mhàthar, cuir a dh’iarraidh MHIC-TALLA. Eachdraidh Sgeulachdail nan Caimbalach. I. Thainig Constantin as an Fhraing do dh-Albainn ’Sa bhliadha 404. II. B’e Uther Mac Chonstantin. III. B’e Artair a Bhuird Chruinn Mac Utheir. IV. B’e Smerbhi Mor mac Artair. V. B’e Tearchair Odhar mac Smerchi. VI. B’e Duibhne mor mac Fhearchair. Is ann bhuaitbe a thàinig Clann Duibhne. Chaochail e an 646. VII B’e Artair Og mac Dhuibhne Mhoir. VIII. B’e Fearchair. Eile mac Artair. IX. B’e Duibhul an Fhuilt-Dheirg mac Fhearchair Eile. X. B’e Fearchair Fionn-ruadh mac Dhuibhne. XI.—B’e Duibhne Dearg mac Fhearchair. XII. B’e Duibhne Donn mac Dhuibhne Dheirg. XIII. B’e Diarmad mac Dhuibhne Dhuinn.—Is e so an Diarmad a mharbh an torc. Phòs e Gràinne, is bha da mhac aige rithe, Artair Armdhearg, no Artair an airm dheirg, is Calum. Bha da mhac aig Artair, Pàl mac Duibhne is Artair Dréineach. Bha Pàl mac Duibhne an seìlbh air Lochodha. Bha e na fhear gleidhidh an ionmhais aig righ Donnachadh, agus ’s e Pàl an Sporain a theirteadh ris. Phòs e nighean righ Mhanain, agus bha nighean aige do ’m b’ainm Eubh. Is ann bho Artair Dréineach a thainig Clann Artair. Bho ’n thainig na Caimbalaich bho Dhiarmad theirear Sliochd Diarmaid riutha. XIV. Chaidh Calum, darna mac Dhiarmaid, do ’n Fhraing. Phòs e an toiseach nighean tighearna Charraig an siorramachd Air, agus bha tri mic aìge rithe, Gillemoire, Corcar, is Donnachadh. Phos e a rithisd nighean peathar do dh-Uilleam an Ceannsalaiche, righ Shasuinn, agus fhuair e fearann leatha ris an abairteadh Campus Bellus. Bha triuir mhac aìge ris an darna mnaoi, Dionisius, Gilleasbuig, is Duibhne. Is an bho mhac diolain a bha aig Gillemoire, ciad mhac Chaluim a thainig Clann Neachdain, Clann Niomhain, is Clann Choinnich. Is ann bho Chorcar a thainig Clann Uillinn an Eirinn. Is ann bho Dhonnachadh a thainig na Drumainnich. Is ann bho Dhionisius a thainig Morairean Thallard san Fhraing. B’e Gilleasbuig a chiad Chaimbalach. Is ann bho Dhuibhne, a thionndaidh ainm gu Gwine no Guy, a thainig iarlachan Warwick an Sasunn. XV. Thainig Gilleasbuig, mac Chaluim mhic Dhiarmaid, do dh-Albainn. Phos e Eubh, nighean Phàil (Air a leantuinn air taobh 48.) Aodaichean Deante SAOR AGUS MATH. Caiseart dhe gach Seorsa, Pris us Fasan, Truncaichean us Maileidean, dhe gach meud agus dath, agus iomadh ni eile. H. H. SUTHERLAND & CO. STOR SHAOR NA H-AON PHRISE SIDNI, - - C. B. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. Teagasg na Gailig. Is gnothuch e nach ’eil idir cliùiteach do Eaglaisean na h-Alba nach ’eil ullachadh sònruichte air a dheanamh air son teagasg na Gàilig do ’n mhuinntir. a tha dol a steach do dhreuchd na ministreileachd. Na ’n readh an Eaglais Stèidhichte agus an Eaglais Shaor an guaillean r’a chèile gu duineil bhiodh cùisean air an atharrachadh. Tha e nàrach gu’m bheil gnothuichean mar tha iad fo spid ’s fo thàmailt Ghall is naimhdean do gach seòrsa. Tha an ni ro mhi-chliùteach do ainm is do chainnt a’ Ghàidheil; agus dha féin mar an ceudna. Tha e cosmhuil gu’m feud gach cànain fo’n ghréin urram fhaotainn ann am foghlumaidean na h-Alba ach a’ Ghàilig a mhàin. Ach tha dòchas nach giùlain na Gàidheal a ghnàth leis an tàmailt a tha an so air a chur orra féin, an cànain, an eachdraidh, is an dùthaich.—Highland News. [TD 46] [Vol. 9. No. 6. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 43.) phlaosg dhearg, bha mar gu biodh dorlach làn-gròiseid. Their na daoine dubha “grenadillas” riu. Bha an seòrsa so ùr dhomh, agus mar an ceudna am péur-stobach, meas a phris eibhinn mu’n do sgrìobh mi aig toiseach mo litir. Tha faoban is leòban a phris làn shnàthada mora, tha am meas thairis le snàthadagan guineach, cho caol ri ròinneagan, seadh, cho caol ri sioda, ach ma theid iad an sàs ann am bile, no ann an teanga duine, ’s truagh leam e! Tha am meas air oibreachadh leas a chois ann an gaineamh an rathaid mhòir mu’n gabh an craicionn toirt deth. ’An so, agus thall ’s a bhos fad ’an rathaid a nios bha sinn a coinneachadh asail bheaga ghreannach ghlasa, air an luchdachadh—na ’dol air son luchd—le ioma seòrsa bathair air son a chaimp, na ’tarruing bathair dhachaidh. Chaidh treud dhiubh seachad oirnn aig an àite so le luchd fiodh air gach aon, beag is mòr. Bha aon tigh beag laghach air bruthach an sin, ’s bha ceithir mucan crion dubha a burach air a bhruthach. Aig an sailtean, bha ceithir cearcan a feitheamh—te as déigh gach uircein—’s cho luath ’s a thionndaidh an t-uircean an ùir a suas bha a chearc a dol ’s a trusadh a lìon de bhaoiteagan ’s de bhurraich as gu dìchiollach. Feudaidh tusa a smaointeach nach ’eil an sin ach ni faoin ri ’chur a sios, ach tha mise ’g innseadh dhuit gu’m bheil mi a deanamh sodan ri gogail circe, ’s ri tathunn coin, na rud air bith eile a bheir ’am chuimhe mo dhùthaich na mo dhachaidh. Ach bha e ’n t-àm dhuinn dol air adhart, agus an déigh deoch an uisge òl a fuaran aig bruach a choirre—às an robh an lagan a dh’fhag sinn a fosgladh—dh’ fhalbh sinn. Bha ar slighe mu’n cuairt air oir a choirre aig a cheann ris an tuath, agus bha na bothain, le’n garaidhean a cur uamhais orm, oir cha robh fhios agam ciamar a b’urralnn teaghlach a thogail gun chunnart do’n duine coiseachd air àite cho cas, na idir do chloinn. Ach thionndaidh an slighe a stigh thun comhnard fharsuing réidh, le dailtean, agus tulaichean ris an tuath agus gualainn monach àrd ris an taobh eile dheth am feadh a bha mullaichean nam beanntan eile ag amharc a nall thairis air. Thug an sealladh ’am chuimhne “Cape Wrath” aig an oisinn gu iar-thuath Albainn. Air a leantuinn. Tha an comharra “UNION BLEND TEA na urras air ti mhath bhlasda, ’s an luach airgeid a’s fhearr a gheibhear air na prisean, 25. 30. 35 agus 40 am punnd. Bidh $400 air a roinn air luchd-ceannach na ti so tráth an Desember. BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. V. TURAS IAIN CHOPE GU TUATH. Dh’fhalbh Iain Cope air a thuras do’n Taobh-tuath air an fhicheadamh latha de mhìos dheireannach an t-Samhraidh le ceithir cheud-diag fear-feachda, a fàgail an dà réiseamaid thrùpairean ann an Dunéideann, a thaobh is nach b’urrainn na h-eich triall thar mhonaidhean a’s bhealaichean. Thug e leis ceitheir ghunnaidhean mòra, agus mìle mosg air son nan Gàel a bha e’n dùil a dh’ éireadh leis mar bhiodh e dol air aghaidh. Bha dròbh mhòr mhart ga h-iomain an deigh an àirm agus prasgan fheòladairean, air son a bhi spadadh mar sluigeadh an fheachd! Thug e leis mar an cianda lòn fhichead latha de dh-aran, nì a chum obair seachduin ris na bha de dh’ fhuineadairean ann an Dunéideann, an Léibhte, agus an Srùidhleadh! Cha deach e n’a b’fhaide no Crùidh air an latha ud, oir b’éiginn da fuireach sa’ bhaile sin gus an tigeadh ceud sac eich de dh’aran a dh’fhàg e na dheighe ann an Srùidhleadh suas ris. A Cruidhe chuir e teachdaireachd gu Morair Ghlinn-Urachaidh agus gu caochladh eile dheth na tighearnan Gàelach iad an cuid daoine thogail an aobhar Righ Deòrsa. Ged nach d’ éirich na daoin’ uaisle sin leis an Phrionns’ le eagal gun cailleadh iad am cuid fearainn dhiùlt iad cobhair no còmhnadh a dheanamh ri Iain Cope, ach Morair Ghlinn-Urachaidh na aonar, air an aobhar sin thainig air Sir Iain seachd ceud dheth na mosgaidean a thug e leis, an earalas gu’n eireadh na Gàeil leis, a philleadh air an ais gu Sruileadh. A nis chunnaig Iain Cope gum bu diamhain da dòchas a bhi aige gu’n eireadh na Gàeil Pheairteach leis mar a shaoil e air tùs, ged a b’ ann nan earbsa a dh’fhàg e Dunéideann le feachd cho lag ri ceithir cheud diag fear, agus bu mhiann leis pilleadh air ais gu Sruidhleadh,mar be luchd-comhairl an Rìgh a bhi ga bhrosnachadh cho dian air adhart. Air an dara latha fichead rainig e Amul Rìgh, agus Drochaid-Thatha, air an treas latha fichead rainig e Tranphuir, agus air a chùigeamh latha fichead Dail-na-Ceardaich. Na h-uile latha mar a bha e dol air adhart, bha e faicinn na cùise na bu mhi-choltaiche, an rathad a fàs n’a bu mhiosa, agus sluagh na dùthcha ’fàs ann an droch rùin da; ghoid iad na h-eich a bha giùlan a chuid bidhe air an òidhche; leis an sìn, b’eiginn da na ceudan de a chuid pocachan arainn fhagail air a chùl, agus na daoine ris an d earb e’n t-aran so, ged do gheall iad a chuir as a dhéigh, thug iad a cheart aire nach d’ rinn iad sin, gus an deach e dholaidh. A rithist an uair a dh’fharraideadh e naigheachd ri aon de mhuinntir na Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. [TD 47] [Vol. 9. No. 6. p. 7] dùthcha mu’n Phrionnsa bheireadh iad dha tuairisgeul breugach fo sgàile càirdeis, air chor is fadheoigh nach b’ urrainn e facal a theireadh iad a chreidsinn, araon bho uasal no chumanta. ’Nuair a ràinig Iain Cope Dail-na-Ceardaich thachair e ri duin-uasal a chunnaig feachd Thearlaich ann an Gleann-Fionain, be’n duine so a thug a chiad naigheachd chinnteach dha mu thimchioll an fhir àireamh sluaigh a bh’ air eiridh leis a Phrionns’; bha iad mu thuaiream ceithir cheud diag, an uair a dh ’fhag e-san iad, agus chual’e gun robh iad mu’n àm so, deich ceud thar fhichead an àireamh agus gu’n robh iad ann an ùin’ ghearr gu séilbh a ghabhail air Coire-Ghearraig. Thainig fios eile dh’ionnsaidh Iain Cope gu’n robh pàirtidh mhòr Ghàel ga fheitheamh aig Drochaid Shnug-Borgh, asraidh cho cunnartach ’sa bh’anns an dùthaich gu léir; agus gun robh pàirtidh eile gu iathadh mun cuairt da bho làimh na h-àirde n iar, a chumadh e, mar gum b’ eadh, eadar dha theine, agus a réir gach coltais gu’n robh e-fein agus fheachd gu bhi air an tur sgrios! Bha’n t-arm-dearg mu’n àm so air ruidhinn Dail-Chuinnidh ann am Bàideanach ma thuaiream fichead mìle bho bhraighe Choire-Ghearraig: agus chuir an naigheachd so Iain Cope ann a leithid do ghiorraig ’s gun chuir e-féin agus a chuid oifigich an comhairl’ r’a chéile, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh; agus ciod an t-shlighe air ’m bu chòir dhaibh triall? Dh ’aontaich iad uile gu’n robh a dhol thar Coire-ghearraig do-dheanta, agus gun robh fuireach far an robh iad gun tairbh sam bith, a thaobh gum faodadh na Gàel ròidean eile ghabhail agus na Machraichean Gallda thoirt orra; air an aobhar sin se shònraich Iain Cope Inbheirnis a thoirt air, far an robh sùil aig ri prasgan Chaimbeulach, Rothach, agus Chatach, g’a choinneachadh, agus leis an so, bha e smuainteachadh nach gabhadh na Gàeil a dhànadas orra a Mhachair a ghabhail air eagal gu’m fàgadh iad an Dùthaich féin fo mheachain an nàmhaid. Rainig an t-àrm-dearg air éigin Inbheirneis air an naoidheamh latha fichead de’n mhìos, gun fhois aon latha ghabhail bho’n uair a dh’fhàg iad Cruidhe. CAIB. VI. TURAS NAN GAEL GU GALLDACHD. Ann an Gleann-Fionain far na thog Tearlach a bhratach air na naoidhamh latha diag de’n mhìos, chaith e-féin agus a luchd-leanmhuinn dà latha, ri òl agus ri aighear, ri ceol agus ri dànns. Dh’ fhalbh e as a sin gu Ceann-Loch-iall agus chaidil e air oidhche di-h-aoine anns an Fhasadh-Fhearna, agus air dha fios fhaotainn sa’ mhadainn gun tainig Long-chogaidh gu Gearasdan Inbher-Lòchaidh ghabh e thar a bhealaich thun na Mòidhe, baile beag leis na Cam-shronaich. Bha e nise faotainn naigheachd gach latha ma dhéibhinn Iain Chope bho shaighdearan Gàelach a bha ruith air falbh as an arm-dhearg air an oidhche, a chum an cairdean féin a chòmhnadh an àm feuma. Air an t sia-amh latha fichead chaidh e thar abhainn Lòchaidh, agus aig an drochaid iosail thainig da cheud as trì fichead de Stiùbhartaich na h-Apunn na chodhail, agus Stiùbhartach Aird-seil’ air an ceann; stad an fheachd an òidhche sin aig taigh-òsda Leitir-Fhionnladh ri taobh Loch-Lòchaidh. Mu mheadhon oidhche thainig teachdaire bho Ghordanach Ghlinne-Bucaid gu’n robh Iain Cope a teannadh ri Bàideanach le rùin a dhol thar Coire-Ghearraig. Air ball ged a bha’n òidhche stoirmeil agus ro fhliuch, thug am Prionns’ òrdugh dha fheachd iad a dhol agus séilbh a ghabhail air bràighe ’Choire, agus chaidh e-féin gu caisteal Inbher-Garaidh far na chaith e’n chuid eile de’n òidhche. Moch sa’ mhadainn thainig Frisealach Ghrotulaig gu Caisteal Inbher-Garaidh, air teachdaireachd dhiamhair bho Mhorair Sìm, Ceann-Cinnidh nam Frisealach, a dh’ iarraidh air a Phrionns’ a leisgeul a ghabhail air son gun e thighinn ga amharc, a thaobh e bhi lag le aois: anns an àm cheudna ag iarraidh air Tearlach a dhol do Shrath-Tharacaig a chum na Frisealaich a thogail. Air an ath mhadainn, a b’e an seachdamh latha fichead de’n mhìos, am feadh a bha’n t-arm-dearg air an turas do dh’ Inbheirneis, chaidh Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh agus Granndaich Ghlinne-Moriston gu bràighe Choirre Ghearraig far an robh na Gàeil eile san àm cruinn. Rinn sin armailt a’ Phrionns ma thuaiream ochd-ceud-diag fear an àireamh. Sa’ mhadainn an uair a dh’eirich am Pronnsa thoisich e air cuir uim’ a dheise Ghàelich agus air dha bhi ceangal barriall a bhròg, thuirt e gun robh dòchas aige gum biodh greim aig air amhaich Iain Chope mas deanadh a rithist am fuasgladh! Air tùs, b’e miann nan Gàel gun gearradh iad Iain Cope agus a dhaoine “cho mìn ri biadh eun,” ach air dhaibh an Garbh-àth-mòr a ruidhinn dh’ aontaich iad gu léir gum b’ fhearr dhaibh leigeil do Chope a dhol do dh’ Inbhernis, mar a shònraich e; agus gun tugadh iad féin Machair nan Gall orra gu Dunéideann a ghlachadh. Mar bha na Gàeil a triall gu Galldachd, is gann gun robh gleann, no bealach, gus an robh iad a tighinn anns nach robh leasachadh sluaigh a dol ri ’n àireamh, ach am feadh a bha’n tuath ag éiridh, bha na h-uachdaranan a teicheadh air falbh, no a fuireach as an rathad, mar sin dh’ fhàg tànaistear Dhiùc Abhaill (do’n tug Rìgh Seòras òighreachd athar) Caisteal Bhlàir. Uime sin ghabh am fìr oighre a bha air fògradh san Fhràing, agus a thainig a nall maille ris a’ Phronnsa, TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. The Scotish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Aig an am so an tigh Iain Mhic Fhionghain, air Sraid Bhentick. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. [TD 48] [Vol. 9. No. 6. p. 8] séilbh air mar a chòirféin: agus chaith e-féin a’s Tearlach agus uile chinn-feadhna nam fineachan an oidhche sin gu sòghar ann an Caisteal Bhlàir ann am fir aigneadh. Ann an so dh-òl Tearlach air slàinte gach ceann-finne fa leth, ann am fior Ghaelig, a dh’ ionnsaich e o’n thainig e dh’ Alba. Air dha fios fhaotainn gu’n robh muinntir na dùthcha air son sealladh dheth a mhòrachd fhaicinn chaidh e mach air leth-oir a’s na h-uaislean gus an d’fhuair iad sealladh dheth. Air an lath-air-na-mhàireach thoisich am Pronnsa air àireamh a shluaigh agus dh’ionndrainn e cuid mhath às an àireamh; air ball chuir e cuid dheth na h-oifigich ga’n greasad air aghaidh, agus thuig e gur h-e fearg a ghabh iad air son an cumail bho thòiseachadh air feachd Iain Chope, a thug orra fuir each air deireadh! Dh’fhan e air an am sin dà latha ann an Blàr-Abhall, agus thainig Tighearna Narainn agus caochladh de Chinn-feadhna eile le’n luchd-leanmhuinn a chum a chuideachadh, maille ri prasgan gasda de Chlann-Dònnachaidh. An sin ghluais a’ mhòr-fheachd sios Blàr-Abhall agus stad iad an òidhche sin ann am Dun-chaillean agus air an ath latha ghabh Tearlach a dhinnear aun an taigh Narainn, a tha ri taobh an rathaid eadar Dun-chaillean agus baile Pheairt. Ma fheasgar ràinig e-féin agus an t-àrm baile Pheairt agus ghairmeadh Rìgh-Seumas na Rìgh air Breatuinn agus Tearlach na oighre rìoghail air a chrùn. An sin thainig a charaid dìleas féin, Diuc Pheairt agus caochladh dhaoin-uaisle eile chuir fàilt air. Bha Tearlach san àm sinn air éideadh ann an deise ghrinn Ghàelich do bhreacan dearg nan Stiùbhartach air a ghréiseadh le òr boisgeanta; thug tlachd-mhoiread a phearsa agus sgéimh a dheise air mòran de sluagh a bhaile a leantainn le luath-ghair éibhinn, a’s bualadh bhas, gus na ràinig e a chairtealan a bha e gu ghabhail an òidhche sin ann an taigh dùin’-uasail sa’ bhaile. B’e so a’ chiad bhaile mòr a ràinig Tearlach an Albainn agus gu dearbha bha na h-uile cheann-fath aig’ a shaoilsinn gu’m be bheatha ged’ theich mòran de luchd-riaghlaidh a bhail’ air falbh chum a mhòrachd a sheachnadh, air eagal, mur biodh e sealbhach anns na ghabh e os làimh gun coisneadh iad dhaibh féin diomadh Rìgh Shasuinn. B’ann air lath féille a ràinig Tearlach Peairt; agus le feachd nan Gàel, agus muinntir na féille, bha’m baile cho dùmhaill is nach d’ fhuair cuid mhòr dhiu fo fhasgadh taighe air an òidhche sin. Air an latha màireach chuir am Pronnsa, pàirtidh air falbh do Dhun-Diagh agus Tighearna Chlann-Raonaill agus Fear na Ceapaich air an ceann; ràinig iad am baile sin ann an glasadh an latha, agus ghlac iad dà long bheag chogaidh a bha nan laidhe anns an acairseid anns an robh mòr armachd a bhunadh do ’n rìgh, maille ri phailteas fudair a’s pheileirean; ghiùlain iad so air ball suas do Pheairt gu feum an airm Ghàelich. (Ri leantuinn.) Air a leantuinn o thaobh 45. an Sporain, is fhuair e oighreachd a h-athar leatha. Is e Gilleasbuig Champuis Bhelluis a theirteadh ris. Sgud e na h-earrabaill de’n da fhacal Laidinn a bha na ainm agus rinn e Gilleasbuig Camp-bell de fein. Cha robh moran meas aig na Gaidheil riamh aìr an litir p, agus thionndaìdh iad Campbell gu Cam-beul no Caimbal. XVI. Phos Donnachadh, mac Ghilleasbuig agus Eubha, Dìorbhail, nighean Dhùghaill Chruachain, agus bha mac aìge ris an abairteadh Cailein Maol. XVII. Phòs Cailein Maol nighean peathar do dh-Alasdair, righ Alba, agus bha mac aìge do ’m b’ainn Gilleasbuig. Bha da mhac dhiolain aìge, Tomas is Iomhair Crom. Is ann bho Thomas a thainig Clann Thàmhais, agus is ann bho Iomhair Crom a thainig Clann Iomhair. Thug mìse an nis seachad eachdraidh nan Caimbalach mar a tha iad fein ga toirt seachad ann an leabhar a chuireadh am mach an 1871. Cha ’n fheil innte ach rabhdaireachd de bhreugan bho thoiseach gu deireadh. Is gann gu bheil aon fhacal de dh-fhirinn innte mu na Caimbalaich fhéin; agus a thaobh nam fineachan eile is nam posaidhean mu bheil i a labhairt is breugan uile gu léir i. Tha fios aig an t-saoghal—codhiu aig saoghal beag nan Gaidheal—nach dainig Clann-Choinnich, Clann-Neachdainn, no na Drumainich, no Iarlachan Warwick bho thriathan Lochodha na ’s mo na thainig iad bho iompaire na Tuirce Bu mhath do dh-eachdraiche nan Caimbalach nach robh e an crògaibh Taoitear Chinntaile an latha a thubhairt e gur h-ann bho’n Torc a thàinig Cabar-Féidh. Bhiodh e glic do’n choire gu’n a ràdh ris a phoit, tha thu dubh. Tha eachdraidh sgeulachdail nan Caimbalach breugach is amaideach gu leoir, ach tha eachdraidhean eile ann nach h-fheil moran na’s fhearr. A. M. S. ’S mor àireamh na muinntir sin d’am bu chòir a bhi ’cuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil ga ’dheanamh sin. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 49] [Vol. 9. No. 7. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 17, 1900. No. 7. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. IX. ALLABAN IACOB ’US MAIRI. Dh’fhalbh Iacob ’us Mairì air an allaban, a sior chumail orra, gus an deach iad mu cheithir fichead mìle. Cha d’amais cosnadh ruitha fhathasd, agus tha’n t-airgiod air teirigsinn. Bha iad gle thruagh dheth. Bha e cruaidh leotha gu’m feumaidh iad an deirc iarraidh; ach air a cheann ma dheireadh thig e ’ga ionnsaidh. Bho iomadh dorus chaidh an ruagadh air falbh le facail shearbha;aig dorsan eile gheibheadh iad le moran grunsgalaich, crioman de dh’aran tioram a thilgeadh ’g an ionnsaidh, gun bhoinne deoch ach na dh’oladh iad as an allt a b’fhaisge. Ach ’s minig a fhuair iad beagan eanaraich agus gnothuichean gàraidh ann an soitheachain creadha, le criomagan suarach de dh’fheoil ’na mheasg. Ach chunnaic Mairi an sluagh gu tric ri stad an teagamh co dhiu a bheireadh iad daibh cobhair no chumadh iad bhuap’ e. Gle thric, an deigh dhaibh gun ghreim blath fhaighinn fad an latha, thigeadh orra an oidhche a chuir seachad ’an sabhal fuar, air chul. Aon latha, air daibh a bhi gabhail tromh dhùthaich ghairbh, air a comhdach le coille mhòir, far nach robh taigh am fradharc fad uine, dh’fhàs an seann duine ro-thinn. Thuit e seachad ann a’ laigse am measg nan duilleag a bh’air làr aig bun cnoichd mhoir, a bha air a chòmhdach le coille ghiuthais. Theab Mairi a dhol dith fhéin le cùram agus briste-cridhe. Shiubhail i mu’n cuairt air son uisge. Cha’n fhaidhheag i boinne; cha robh sta dhi ’bhith ’g eigheach airson cuideachaidh—cha robh ’ga freagairt ach mac-talla ’na aonar. Fad no fagus cha robh taigh ri fhaicinn, ged a bhi i dol air a glùinean gu faicinn na b’fhearr eadar na craobhan. Mhothaich i ma dheireadh, fad air falbh, air taobh eil’ a chnoichd, taigh tuathanaich, fagus do’n choille, air a chuartachadh le paircean de dh’ arbhair abuich agus le cluaintean uaine feoir. Thog i rithe ’ga ionnsaidh, cho luath ’s a b’urrainn dhith, agus ’nuair a rainig i’n dorus bha ’h-anail ’n a h-uchd. Le deoir ’n a suilean agus le guth air chrith, dh’ iarr i cuideachadh. Bha an tuathanach ’s a bhean, a bha a nis air tighinn gu aois mhoir, ’n an daoine matha, truacanta. Bha iad air an gluasad gu mor le tuireadh, gruaidhean bàna, deoir, agus amhghar na h-ighinne. Thuirt an t-seana bhean choir ri’ companach: “Cuir each an greim ’s a’ chairt bhig, agus bheir sinn an sean duine bochd, tinn, an so.” Am feadh ’sa bha’n duine coir a’ cuir an eich ’san chairt, fhuair a bhean cluasagan, soitheach uisge, agus botul de bhinegar deiseil. Air do Mhairi thuigsinn gu’n d’thugadh an rathad a ghabhadh iad leis an each leth-uair a chorr dhaibh, dh’fhalbh i leis an uisge agus leis a’ bhinegar an rathad a thainig i, los gu’n ruigeadh i h-athair ni bu luaithe. ’Nuair a rainig i e, bha e’n deigh a dhol beagan am feabhas. Shuidh e sios fo chraoibh ghiubhais, agus rinn e morthoileachadh ri Mairi fhaicinn, oir bha e ro-thursach ’ga h-ionndrainn. Chaidh a thogail ’sa chairt, agus a thoirt a dh’ionnsaidh tigh an tuathanaich. Bha aig an tuathanach seomar beag a dh’fhaodadh e sheachnadh, rum cadail lamh ris, agus cuideachd, rum cocaireachd air nach robh feum aige ’s an am. Thug e iad do’n t-seann duine thìnn. Rinn bean an tuathanaich deagh leaba deiseil dha. Rinn Màiri gach cuideachadh a b’urrainn di, agus bhiodh i ’n comhnuidh aig taobh a h-athair. Cha robh de thinneas air ach laige, a dh’aobharraich droch bhiadh, droch aiteachan cadail agus annradh an rathaid. Cha do chaomhain bean an taighe dad de na bha ’stigh chum an seann duine’ leigheas. Cha do chaomhain i min no uibhean, bainne no mil; cha sòradh i eadhon cearc a mharbhadh agus a goil sios los gu’m faigheadh an duine tinn pairt de’n eanaraich. ’Nuair a bha e dol na b’fhearr, bha’n tuathanach a toirt calman ’ga ionnsaidh as a choile cha mhor a h-uile latha. “So,” theireadh e ris a mhnaoi ’s e ’gaireachdaich, “roist sin dha; bho’n nach do shòr thusa ’chearc, ’s fheudar domhsa mi-fhein beagan a dheanamh ris.” Bha e ’na chleachdadh aig an tuathanach ’s aig a mhraoi a dhol, uair ’s a’ bhliadhna, a chum feille Fear-curam eaglais a bh’ann sa choimhearsnachd. Ach smaointich iad gu’m fanadh iad aig an tigh air a bhliadhna so, agus gu’n ceannachaidh iad, leis an airgiod a b’abhaist daìbh a chosg, botul de dheagh fhion dha’n duine thinn. Le deoir ’na suilean thug Mairi taing dhaibh. “Mo Dhia,” deir ise, “tha daoine matha ri ’m faìghinn ’s gach aite: agus, gle thric, ’s ann an dachaigh gharbh ’tha’n cridhe a’s caoimhheile ri fhaotainn.” Bha Mairi na suidhe donan ri taobh leaba ’h-athair; ach cha do chum i, mar a d’thuirt am facal, a lamh ’na broilleach; bha i barraichte air obair snathaìde agus bhior, agus bha i ’g obair gun tamh airson math teaghlach bean an tuathanaich. Bha bhean ro-thoilichte as cho tuigseach ’s cho beusach ’s a bha ’giulain. Dh’aisig biadh math agus faire, an uine bhig, slaint as ur do Iacob; ann an uine nach robh fada rachadh aig air suidhe suas comhla riutha. Bha e do-dheante dha bhi latha na thamh. Theann e, aon uair eile, ri deanamh bhascaidean. Bha aig Mairi ris na slatagan seilich ’us calltuinn a thrusadh dha. ’Se chiad obair a rinn e, á taingealachd do shean an taighe, craidhleag bheag shnasail, a ghiulaineadh i air a gairdean. Bhuail e direach air an aon ghnothuch a b’fhearr a thigeadh air a reir. Bha a’ chraidhleag cuimir agus laidir. Anns an uachdar aice, dh’obraich e le slatan dearga, ceud litirichean a h-ainmeagus a bhliadhna. Air a taobh dh’obraich e le slatan donn ’us uaine dealbh taighe bhig, le mullach fodair, agus lamh ris da chraoibh ghiubhais. Chuir an obair ghleusda rinn e ioghnadh air gach aon a bha ’s tigh, ach bha bean an taighe ro thoilichte as a bhascaid, agus gu seachd araid a dealbh an taighe a bha cho freagarrach, chionn b’e ainm na dachaigh “Baile na craoibhe giubhais.” Cho luath ’s a fhuair Iacob a shlainte gu math, thuirt e ris an tuathanach agus ri mhnaoi: “Tha mi na’m chosgais oirbh a nis fada gu leor; tha’n t-am agam breith air a bhata agus an rathad a thoirt orm.” Ach rug an tuathanach air laimh air agus thubhairt e; “Ciod tha dhith ort Iacob? Tha mi’n dochas nach d’ rinn sinne dad a chuir miothlachd ort. Carson tha thu dol ni’s fhaide? Tha thu ’n ad dhuine curamach; ach cha’n ’eil a’ smaoin so a nochdadh do ghliocais.” Thuirt a’ bhean agus i suathadh deòir air falbh le ’h-aparan: “Fanaibh comhladh ruinn. Tha e nise anamoch ’s a’ bhliadhna! Tha na duilleagan air gach fàil is craoibh a nis air fas odhar, agus an geamhradh aig na dorsan! Am beil thu a cuir romhad thu fhein fhagail tinn uair eile?” Thuirt Iacob gun robh toil aige a dhol air aghairt, seach a bhith ’n an aobhar chosgais dhaibhsan ni b’fhaide. “O ach a chosgais!” deir an tuathanach; “na smaointich air a sin, cha’n ’eil thu anns an rathad oirnn ’san t-seomar bheag ud, agus is math tha thu cosnadh do bhidhe.” “Tha gu firinneach,” ars a bhean, “tha Mairi a cosnadh gun taing a bidhe le’ fidhe ’s le ’h-obair; agus ma chumas tusa ort, Iacob, a deanamh bhascaidean, cha bhi cion ort. Thug mi leam a bhascaid bhoidheach ud a rinn thu, ’n uair a sheas mi ’nam bhana-ghoistidh do leanabh bean a mhuillear; cha robh boirionnach ’s a chuideachd nach robh an leithid sud da bhascaid bhuaipe. Gheibh mise feadhainn a cheannaicheas bhuat; cha bhi do cheaird mi-bhuannachdail.” Dh’fhuirich Iacob ’us Mairi, agus thaisbean an tuathanach ’s a’ bhean mor ghairdeachas leis a’ chrich gus an d’thainig iad. CAIB. X. NA LAITHEAN SOLASACH A CHUIR MAIRI AGUS IACOB SEACHAD AIR BAILE NA CRAOIBHE GIUBHAIS. Shuidhich Iacob agus Mairi iad fhein sios a rithisd ’n an taigh beag comhnaidh, agus chuir iad mu dheighinn dol air leth. Chuir iad beagan de dh’earnais riatanach ’s an t-seomar, agus anns an rum chòcaireachd chuir iad beagan de shoitheachain creadha agus gnothaichean riatanach eile. Thoisich Mairi, aon uair eile, air còcaireachd gu toileach dha h-athair. Bha iad a fuireach gu riaraichte comhla. Am feadh ’s a bhiodh Iacob a’ deanamh bhascaidean, bha lamh Mairi ri fidhe no obair riatanach eile agus bhitheadh iad a’ seanachas gu coirde comhla. Gle thric, anns an fheasgar, rachadh iad do rùm faisg dhaibh, far an eisdeadh an tuathanach ’s a’ bhean ’s gach aon a stigh le taitneas ri comhradh agus sgeulachdan Iacoib. Chaidh an geamhradh ’s a chuid stoirmnean seachad orra mar so gu toilichte. Bha gàradh mor lamh ris an tigh, ach cha robh e air oibreachadh ro-mhath. Cha robh uine aig an tuathanach no aig a mhnaoi, am measg gach obair a mach eile, air a gharadh a chuir gu feum mar bu choir; agus a bharrachd air a sin, cha robh iad a tuigsinn obair garaidh gu math ann. Ghabh Iacob os laimh garadh math a dheanamh dheth. Rinn e beagan air [TD 50] [Vol. 9. No. 7. p. 2] an am na buana; ach ’s gann a dh’fhabh an sneachda ’sa thainig coltas an earraich, ’n uair a bha e fhein ’us Mairi ag obair ann bho mhoch ’s a’ mhaduinn gu anamoch feasgar. Roinn iad an garradh na leapaichean, chuir iad ioma seors de lusan garaidh annta, agus mu’n cuairt orra chuir iad gach seorsa lusan eile a shaoileadh iad anns am bu mhutha ’s am faigheadh na seilleanan de mhil; agus ann an ceum na coise, chuir iad grinneal garbh. Cha do leig Mairi fois le ’h-athair gus an d’thug e dhachaigh as a bhaile ’s an d’fhuair e na frasan garaidh, beagan do chraobhan ròis, lilis, lus-a-bhalla, lus-an-t-samhraidh ’us feadhainn bhoidheach eile. Thainig iad so uile fo fhlurs cho aluinn ’s nach faca h-aon ’s na cearnan iomallach sin riamh an leithid. Thainig an garadh air aghairt cho math am maise ’s am blath agus gun robh e ’n a shealladh do gach aon an gleann dorcha na coille. Thainig eadhon garaidhean nan nabuidhean air an aghart, agus thug iad seachad toradh na b’fhearr bho laimh Iacoib. Bha comharraidhean stiuraidh a laimhe ri ’m faicinn air gach aon diubh. Bha an seann gharadair, aon uair eile, anns an t-suidheachadh-inntinn a b’fhearr. Bha roinn aige ri radh mu dheibhinn nam flùrs ’s nam planntan; ach cha’n abradh e dad air an d’thug e tarruinn uair a roimhe; feumaidh e labhairt mu rudan ùra. Anns na ceud laithean blatha, bha Mairi fad a’ siubhal fo’n fhàil dhroigh-einne ’bha cuartachadh a’ gharaidh, airson na sail-chuaich, los gu’n rachaeh aice, air reir cleachdaidh, air a cheud phasg de bhlath-luibhean a thoirt a dh’ionnsaidh a h-athair. Ma dheireadh thruis i comhla an fheadhain bu bhoidhche ’s bu chùbhraidh a fhuair i, agus thug i ’ga ionnsaidh iad le solas. Rug a h-athair air a phasg fhlùrs agus le fiamh-a-ghaire thubhairt e, “Easan a shireas, gheibh. Ach eisd rium, is fhiach e thoirt fanear mar an ceudna, nach fas na flùrain aluinn so, ach fo’n fhàil dhraoigheainn, agus saolaidh mi gu’m beil so a’ teagasg deagh leasan dhuinne. Co anns an t-saoghal so a’ chreideadh gu’n amaiseadh a leithid so de shòlas ruinne anns a ghleann uaigneach so, a measg na coille, agus fo’n t-seann tubha choinnich so! Ach cha ’n ’eil staid ’s am bith ’s a bheatha so cho trioblaideach, ’s nach eil sith ’us sòlas ri’m faighinn fo sgail na doriunn. Cum thusa, ’chiall, cridhe math agus sunndach ’ad chom, agus a dh’aindeoin annradh air amannan, bithidh t-inntinn toilichte mar is trice.” Thainig bean fear-ceairrde as a bhaile, air aon latha, a cheannach linn bho bhean an tuathanaich, agus bha giullan og leatha fhein comhla rithe. Am feadh ’sa bha na boirionnaich a’ sealltuinn thairis air an lion, thàr an guillan a mach do’n gharadh, agus ghabh e go craoibh ròis a bha fo lan bhlàth gus pairt de na flurs a bhuannachd, ach anns an ionnsaidh chaidh a lamhan a sgròbadh gu dona leis na bioran géura. Thoisich e ri eigheach, agus ruith a mhathair agus bean an tuathanaich a mach cuideachd. Bha’n guillan a donnalaich, a mheoirean a’ sileadh fala, agus e ’gan crathadh ri taobh na craoibh rois, agus e ag caineadh na flùrs a bha cho guineach, meallta. “Cha’n ’eil annain uile gu leir, gle thric, ach clann air fas suas!” ars’ Iacob. “Anns gach sòlas, mar an ròs, tha guin gheur, agus gle thric, gheibh sinn iad anns gach laimh. Tha fear a’ gabhail moran toileachaidh ’an dannsa ’s an cluichean, agus tha fear eile, anns an òl, air neo ma dh’fhaodte ’an rud a’s miosa. Seasaidh e sin suas, agus toisichidh e ri caoidh ’s ri osnaich, agus ri càineadh na h-oibre, de’n d’rinn e fhein droch fheum. Na bithibh mata air ur mealladh le fluranan maiseach. Tha tur reusain am mac an duine. Cha bu choir da, air an aobhar sin, a bhi air a dhalladh le ana-miannan, ach an cumail aig riaghailt agus fo chis.” Trath air maduinn bhreagha Dhomhnaich, as deigh da latha uisge, chaidh Mairi comhla ri h-athair do’n gharadh agus fhuaìr i a’ chiad lili air tigh’nn fo bhlath, ’s i dearrsadh gu boisgeil fo ghathan na greine, a bha air ùr eirigh. Dh’eubh i air muinntir an taighe, a bha ro dheonach o chionn uine lili fhaicinn fo bhlath. Bha iad uile ’g amharc oirre le ioghnadh. “Nach i tha soilleir, glan, geal agus gun smal,” arsa bean an tuathanaich. “Tha,” ars Iacob, le guth car air chrith,” b’fhearr gu’n robh cridheachan nan daoine gu leir cho saor bho gach smal! B’aoibhneach an sealladh sin do Dhia ’s do na h-ainglean. Tha cridhe glan an dluth chairdeas ri Flaitheanas.” “Nach eireachdail, steudail, direach na seasamh i!” ars an tuathanach. “Mar a mheur a’ tomhadh ri Flaitheanas!” fhreagair Iacob. Tha mi ro-thoilichte ’bhi ’ga fhaicinn ’s a’ gharadh. Bu choir a leithid a bhi ’s a h-uile garadh anns an duthaich. Tha againne daonnan ri bhi ’g oibreachadh air an talamh, agus tha e cho furasda dhuinn Flaitheanas a leigeal air diochuinhn’. Tha na flùrain dhireach, aluinn so a cur ’nar cuimhne gur còir dhuinn, a measg gach uile obair ’us trioblaid, bhi sealltuinn os ar ceann, agus a bhi ’n toir air gnothuch a’s fhearr na’s urrainn duinn fhaighinn air an talamh so.” “Tha gach lus,” ars easan le durachd, “eadhon gach bileag fheoir, ag iarraidh suas, agus an fheadhainn sin tha tuille a’s lag gus iad fhein a thogail suas, mar tha peasair ’us pònair ’us lus-an-leanna, feumaidh iad iad-fhein a shniomh ma ghnothuichean eile ma’n urrainn iad direadh. Bu mhaslach a chuis e ’ga rireadh, na ’m bithidh gach smaoin, iarrtas agus dòchas mhic an duine daonnan a’ snàigeadh air an talamh!” Bha Iacob, air aon latha, a cur phlanntan òga ann a’ leaba a bha air ùr oibreachadh, agus bha Mairi a’ glanadh luibhean air falbh á té eile bha lamh rithe. “Se obair coltach ris a so bu choir a bhi againn fad ar beatha,” thuirt Iacob ri Mairi. “Cha’n eil ’n ar cridhe ach garadh a thug ar Dia gradhach dhuinn gus curam a ghabhail deth. Is còir duin a bhith daonnan cùramach nach cur sin ann ach gach seors a’s fhearr, agus gun glan sin air falbh as ’an am gach seors uilc, ma’n teann e ri brath a gabhail oirnn. Gach aon a ni an da chuid so gu math, agus a dh’iarras grasan air Dia, a tha toirt duinn blaths na greine, braon ’us uisge, gach fas agus cinneachadh, tha an duine sin a’ deanamh garadh ro-eireichdail, a tha ’na shamhla do Pharras fhein ’n a chridhe.” Chuir Iacob agus Mairi faisg air tri samhraidhean agus tri geamhraidhean seachad gu toilicht’ am baile na craoibh giubhais. Le dichioll ’us deagh riaghlaidh, le comhradh taitneach, ’s le spòrs neo-chiontach, cha mhor nach robh a h-uile amhghair tro’n deachaidh iad air dol as an cuimhne. Ach ’n uair thainig am na buana an rithisd, agus a bha grian a mheadhoin-latha a’ toirt air gach craoibh ’us luibh dubhar fad a thilgeadh—’n uair a bha na flùrain bu deirionnaich ’s a’ gharadh fo bhlath—’n uair a bha duilleach nan craobh air donnadh, air buidheadh, ’s air seargadh, agus an garadh a’ sealltuinn mar gu’m biodh e’ tuiteam ’an trom chadal a’ gheamhraidh—bha Iacob a’ faireachdain a neart ’g a fhagail, agus gle thric bhiodh e ann an droch shlainte. Dh’fhalaich e so cho mor ’s a b’urrainn dha air Mairi, seach trioblaid a chuir oirre; ach ’n uair a bhruidhneadh e mu na flùrs, bha rud eigein muladach ’na ghuth a bha gu tric a’ ruigheachd a nighinn ghradhaich a dh’ionnsaidh a chridhe. Thug Mairi tarruinn ris mu aon ròs a bha fuathasach anamoch, agus a bha fo lan bhlath am fior dheireadh na buana. Bha toil aice am buain; ach thuit na duilleagan donna ma’n gann a bhean i dhaibh, agus laidh iad mu’n cuairt, sios air an talamh lom, dhubh. “Cleas nam daoine,” ars a h-athaìr. “’Nar n-oige, tha sinn coltach ris an ròs fo ùr-bhlath; ach seargaidh sinn ’an uine mar an ros, agus tha ar samhradh goirid, ’s ’an uine bhig bithidh e seachad. Na cuir earbsa ro-mhor, mata, mo leanabh gaolach, a maise bhreoite, dhiomain na colluinne; ach bi deonach air maise an anama, am mathas sin nach searg a chaoidh.” Bha Iacob aon fheasgar ’na sheasamh am fàradh a’ gharaidh a’ toirt nan ubhlan far nan craobh ’s ’ga ’sineadh do Mhairi, agus ise ’gan cur gu curamach ann am bascaid. Labhair e car mar so: “Nach minheil tha ’ghaoth fhoghair a seideadh thar na h-asbhuain, agus ’ga cluich fhein a measg nan duilleagan odhar, ’s air feadh m’fhuilt leith-sa! Tha am na buana agam-sa aig laimh, agus t-am-sa, Mhairi, a ghraidh, cuideachd. Thoir ionnsaidh, mata mar an chraobh so, air deagh thoradh thoirt seachad, los gu’m bi Tighearna garaidh mhoir an t-saoghail so buidheach dhiot.” ’Nuair a bha Mairi a cuir beagan de fhrasan airson an ath earraich, thubhairt a h-athair rithe: “’S ann direach mar so, mo nighean ghaolach, a chuireas daoine sinn fhein lath’ eiginn ’s an talamh agus a chomhdaicheas iad thairis sinn le creadhaidh; ach bi thusa fo dheagh mhisnich! mar a dh’fhàsas an sìlean beag so, a tha ’dol ’s an talamh, an rithisd suas, s a thig e beo, agus a thogas se e-fhein os cionn an talmhainn ’na fhluran dreachmhor, ’s a sheasas e, mar gu’m b’eadh, buadhor os cionn a bhàis: is amhuil sin ’s mar a dh’eireas sinne an rithisd o’n uir, maiseach agus glormhoir. Smaointich air a so, a Mhairi ro-ghaolach, ’n uair tha mise cnamh san uir. Biodh na flùrain a chuireas tu air m’ uaigh dhut na samhla air an aiseirigh ’s air an t-siorruidheachd.” Sheall Mairi air a h-athair. Bha da dhiar mhor ’n a suilean. Chrith i mar gu’m b’ann le geilt, agus bha i fo thrioblaid inntinn mu’n uine ri teachd. (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. VI. (Air a leantuinn.) Faodaidh mi ann an so innse gur an do “Chreideimh an t-Shagairt,” mar their iad ris, a bha caraid dealaidh a Phrionnsa, Diùc Pheairt, a thaobh a mhàthair a bhi dheth na chreideamh sin; choisinn sin da mòr ghamhlas bho dhaoin’ eil a bha de mhuthadh beachd. Goirid ro’n àm so; feadh a bha ’m Prionns’ ann an Dùthaich Chlann-Raonaill, thainig òrdugh bho chuirt Rìgh Sasuinn Diùc Pheairt a ghlacadh; agus ghabh dà dhuin’-uasal Ghàelach bha nan oifigich anns an arm-dhearg, Pàduig Moireach Uchd-oir-thìre, agus fear do Chaimbeulaich Inbhearaora fos-làimh sin a dheanamh, air dòigh, faodaidh mi ràdh, nach robh ro chliùteach dhaibh féin,—Chuir iad fios thun an Diùc gun robh iad air son an dinnear a ghabhail maille ris ’na thaigh air latha àraid: chuir an Diùc fios thuca, gu’m b’e ’m beatha uair sam bith a thigeadh iad, agus gum bìodh e-féin air an cinn. Fa-dheoigh thainig na h-oifigich fhoill so, agus cha luaithe fhuair iad crathadh an fhir de làimh mhin chàirdeil an Dùic na chuir iad an céill an teachdaireachd, agus an turas [TD 51] [Vol. 9. No. 7. p. 3] mu’n tàinig iad; dh’iarr iad air an Diùc a bhi mach còladh riu. Thuirt an Diùc ged a bha’n t-òrdugh sin cruaidh gu’n robh e faicinn gu’m b’ fheudar dha ’fhreagairt, agus dh’iarr e comas orra a dhol do rùm beag cùil a bha dheth an t-sheòmar, anns an robh iad gus an dìnnear a ghabhail, ag ràdh ’nuair a chuireadh se e-féin na uidheam an sin gu’n falbhadh e leo. Shaoil na slaoightearan nach b’ urrainn e teicheadh gun fhios daibh agus thug iad comas da sin a dheanamh; chaidh an Diùc còir sios air staidhre cùil a bha treòrachadh tro leas a bh’ air cùl an taighe agus dh’ imich e gus an d’fhuair e gu badan beag dlù coille bha faisg air. Ged a bha geard dheth ’n arm-dhearg a’ freiceadan mu thimchioll an taighe, gu sealbhach cha do mhothaich a h-aon diù dha. Cha deach e fad air astar gus na thachair fear dheth a chuid each féin ris, agus ged a bha e gun srian gun diallaid chaidh an Diùc air a mhuin, agus cha do lasaich e eang gus an d’ràinig e taigh a charaid Mr. Moraidh Obair-Charnaig. Nach ceart a thuirt am facal,—“Gur feumail a dhol air each mall ’san àm nach faighear an saoidh.” Cha tug an Diùc roi ’n àm so ceannfath sam bith do mhuinntir Sheòrais air a ghlacadh; nan tugadh cha ’n fhaigheadh iad cho faisg air sa fhuair iad: ’s e ’n aon ni mu’n robh iad air son a chuir fo ghlais, fios a bhi aca gum bu duine cumhachdach e aig an robh mòran luchd-leanmhuinn agus shaoil iad a chumail an làimh gus an rachadh an dara taobh dhaibh féin ’s do Thearlach; ach ’s ann a bhrosnaich an ionnsaidh mhi-fhearail so a thugadh air e gu eiridh le fraoch agus graide: agus am beagan laithean thog e a chuid daoine ann an aobhar a Phrionns’, a bha mu thuaiream mìle fear ann an àireamh, agus dh’ fhalbh e-féin air an ceann. Feadh ’s a dh fhan Tearlach ann an Peairt thainig iomadach ceann-cinnidh le’n cuid daoine ga ionnsaidh, Tighearna Shrath-Ailein sa’ chuid daoine; Tighearna Ogailbhi, mac Iarl’ Airlie agus a dhaoine; Tighearna Shruthain agus a dhaoine; Iain Stiùbhart Chinne Chàrdain agus Stiùbhartaich bhraigh Pheairt: agus mòran de thuath Dhiùc-Abhaill; Morair Seòras Moireach le feachd ro lionmhor dheth a chinneadh féin. Bha Morair Seòras na leth sheann-duine mu’n àm so. Bha e ann am blàr Sliabh an t Siorraim sa’ bhliadhna 1715. Bha e na shaighdear ro fhòghluimte ann an dòighean an airm; bha uidhir a’ dh’ earbs’ aig Tearlach as a sheòltachd is gu d’ rinn e ard-sheanalair dheth thar chàich gu léir. ’Nuair a ràinig Tearlach Peairt cha robh aige na sporan ach aon ghinni òir. Air an aobhar sin dh-òrduich e buidheann dheth shluagh a chuir air feagh gach baile mu’n cuairt a thogail airgeid cìse: mar so thrus e rud math airgeid, agus chuir cuid de dhaoin-uaisle Dhunéideinn beagan airgeid da ionnsaidh. Thog e ann am baile Pheairt féin cuig ceud pund Sasunnach. Dh’fhan Tearlach ann am Peairt ochd laithean a’ trusadh airgeid agus a’ togail dhaoine, agus bha Morair Seòras Moireach a’ cuir an airm an òrdugh, agus a’ toirt beagan ionnsachaidh dhaibh mar dheanadh siad iad-féin a ghnàthachadh ri uchd catha; agus fhuair e màlaidean cainbe air an deanamh, a h-aon do gach saighdear, anns an giùlanadh iad an cuid mine oir cha b’uirr’ an fheachd so a chumail suas air dòigh sam bith eile le cion cosgais. Air di-dòmhnaich an t-ochdamh latha de mhios meadhonach an Fhoghair chaidh am Prionnsa agus a chuid uaislean do’n eaglais, agus tha e air aithris gum b’e sin a chiad searmoin Phrostanach a chual’ e riamh. Am feadh a dh’ fhan e ann am Peairt bha e còir caoimhneil ris gach duine rachadh na ’chainnt, agus thug e litrichean-rathaid, no cead-siubhail, do dh’ ioma fear de luchd na féille ’chum is nach glact’ iad féin no’n cuid, mar bhiodh iad a triall dachaigh gu’n ionadan comhnaidh fa-leth. Am measg chàich thainig ceannaiche mòr Lunnainneach a dh’ iarraidh litir-rathaid air, agus an uair a thug e dhà i dh’ iarr e air a bhi ’g innse do na Lunnainnich nach b’fhada gus am faiceadh iad Tearlach Stiùbhart agus na Gàeil ann an cùirt an Righ an Lunnainn. CAIB. VII. TURAS A PHRIONNS’ A DHUNEIDEANN. Air di-ciadain an t-aon latha-diag de mhìos mheadhonach an Fhoghair dh’ fhàg Tearlach agus armailt Peairt, agus rinn iad air son Dhunéideinn. Tha ’n dà bhaile mhòr’ sin ma thuaiream da-fhichead mìle bho chéile, agus b’e’n rathad bu dìriche agus a b’ aithghearra dhaibh a dhol thar Port na Ban-righ; ach thug muinntir Dhun-éideann mu’n airidh na bàtaichean aisig gu léir a tharruinn suas air taobh deas a Phuirt,—ach ged a bhiodh iad air faighinn nam bàtaichean deas air an cinn, ’s gann a b’ urrainn iad an t-aiseag a ghabhail gu ’n chall sluagh, oir bha trùpairean Choirneil Ghàrnaileir ga feitheamh air taobh Dhunéideinn de’n Phort; agus cha bu mho b’urrainn iad teine an luingeis-chogaidh a bh’ air an acair am bun a’ chaoil a sheachnadh: mar sin thàinig orra a dhol timchioll ceann a chaoil agus gabhail a mach air àth na h-aibhne os ceann Shruileadh. Nuair a rainig iad Dùnblathain thàinig tri fichead de Dhòmlnullaich Ghlinne-Comhann nan ceann, agus dà fhichead fear de chlann-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig fo chomannda Sheumais mhòir Mhic-Ghriogair, mac do Rob Ruadh. Dh’-fhan am Prionnsa latha ann an Dunblathain a’ feitheamh gus an tigeadh cuid dheth na daoine a dh’ fhàg iad ann am Peairt suas riù: ma fheasgar an dara latha diag chàmpaich an t-àrm gu léir ma uidhe mile air taobh deas Dhunblathain. Air di-haoine an treas latha diag thriall an t-àrm gu àth na Friù, àite tana dheth an abhainn, ochd mile os-ceann Shrùidhleadh. Bha iad am beachd gun robh trùpairean Choirneil Ghàrnaileir gu coinneamh a thoirt dhaibh aig a bhial-àth, a chum am pilleadh, ach cha tug. Gus an t-àm so bha na Gàeil ann an dùthaich anns a robh gach cothrom ac’ thar an arm-dhearg, ach air a mhachair chòmhnaird réidh bha gach cothrom aig na dearganaich orrasan, a thaobh gur ann le ’n cuid mosgaidean a dheanadh na Sasunnaich euchd sam bith. Air an aobhar sin chomhairlich cuid dheth na h-oifigich Ghàelach do Thearlach fuireach bharr a chòmhnaird, agus fantainn sa’ gharbhlach gus an tigeadh an t-àrm-dearg air aghaidh; ach cha tug Tearlach éisdeachd da’n comhairl. Air dhaibh a thighinn thun a bhial-àtha thug Tearlach a chlaideamh á thruaill, agus, a’ nochdadh a bharra ri taobh thall na h-aibhne, thug e dhian leum anns an t-sruth, agus air bheag spàirne chuir e’n àth gu fearail agus lean an armailt gu léir as a dheigh. A thaobh na slighe so a ghabh na Gàeil, cha robh fios aig na Goill, co dhiù a bha rùn orra dhol do Dhunéideann no Ghlasacho. B’ e Glasacho gu mòr bu shaibhire na Dunéideann, agus bha na Galla-bhodaich a’ saoilsinn gun robh gamhlas aig a’ Phrionns’ do mhuinntir Ghlascho a thaobh iad a bhi bho shean ann an naimhdeas d’a shinnsir, Stiubhartaich rioghail Alba. Ach a thaobh gu’m be Dunéideann àrd bhaile mòr na rìoghachd, far an robh lùchairt a shinnsir, chuir Tearlach roimhe a ruidhinn gun dàil: agus air dha pàirtidh a chuir do Ghlsacho a thagairt cùig mile diag pund Sasunnach de dh’ airgead cise bho cheannaichean, agus bho dhaoin’-uaisl’ eil’ a bhaile, thriall a mhòr-fheachd gu Dunéideann. Air an ath latha ghabh na Gàeil turas-timchill gu taobh deas Shrùileadh a chum a’s gu’n seachnadh iad teine ghunnaidhean mòr’ a chaisteil. Air a chuairt so, ghabh am Prionnsa thar faich’ Allt-a-Bhonaich, far an tug a roimh-sheanair, Brus, a bhuaidh a mhaireas mar chliù shiorruidh air treubhantas laoch chruadalach na h-Alba. Chaith e’n òidhche sin aig Allt-a-Bhonaich ann an taigh Shir Uisdean Mhic-Phàdruig, duin’-uasal a bha ro eudmhor na aobhar, agus laidh an armailt rè na h-òidhche air réidhleach Shàchaidh, far an deach Rìgh Seumas an III. a mharbhadh sa’ bhliadhna 1488 le iochdaranan tuath-shreupach féin. As an ionad so chuir am Prionnsa teachdaireachd gu daoin’-uaisle Shrùileadh, ag iarraidh orra biadh a chuir a dh’ ionnsaidh na h-àrmailt, agus thug iad grad fhreagairt da òrdugh. Air a chùigeamh latha diag, ghluais an t-arm a chum na h-Eaglaise-brice agus laidh iad rè na h-òidhche measg phreasan bealaidh air taobh sear taigh Chala-sraid anns an robh Iarla Chill-Màrnoc a chòmhnaidh: rinn an diun’-uasal sinn beatha Thearlaich gu fiùghantach, fialaidh, agus dh’innis e dha gun robh trùpairean choirneil Gharnadeir an geall air seasamh air drochaid Chlinn-Iuch, a chum na Gàeil a chumail air an ais. Air ball chuir Tearlach naoi ceud fear dheth na daoine bu chalma ’bh’ aige los na trùpairean a chumail dheth an drochaid, agus chaidh sin leo. Cha d’ fhuirich iad ris na Gàeil a dhol an àite teine dhaibh, ach ghabh iad an teìcheadh gu Dunéideann, agus ann an camhanaich an latha rainig a’ phàirtidh so de dh’ fheachd Thearlaich baile Ghlinn-Iuch. Bha ’m Prionnsa agus a chuid eile de ’n àrm ann an Gleann-Iuch ma dheich uairean sa’ mhadainn, an ath-latha, agus be’n Dòmhnach a bha ann. Cha robh e nis ach sia-mile-diag bho Dunéideann. Bha muinntir Glinn-Iuch a’ dol do ’n eaglais ’nuair chunnacas am Prionns’ agus armailt a tigh’n do’n bhaile; agus a réir mar dh’innseadh dhomh, cha deach duine dhiù do ’n eaglais air an Dòmhnach sin, ach lean iad am Prionns’ le buaidh-chaithream éibhinn gus an deach e steach do sheann lùchairt Rioghail a shinnsir ann am baile beag Ghlinn-Iuch Chaith am Prionns’ agus a chuid uaislean, agus uaislean a bhaile tùs an latha ri òl fiona agus ri aighear—agus cha’n fhacas a leithid a mheoghail ann an Gleann-Iuch bho nuair sin gus an latha ’n diugh. Ma cheithir uairean sa ’n fheasgar dhìrich an t-àrm ris an uchdach, fagus do chlach an dà mhile-dhiag bho Dhunéideann, agus stad iad ann an sin rè na h-òidhche. Chaidil am Prionns’ ann an taigh beag a bha ri taobh an rathaid. Air a mhadainn di-luain, an seachdamh latha diag de ’n mhìos, ghabh iad air an aghaidh do Dhunéideann, agus cha robh iad a nis ach ma chioseachd cheithir uairean bho na bhaile! Air dhaibh a thighinn am fradharc Dhunéideinn mheas iad iomchaidh a dhol bharr an rathaid mhòir, agus triall air frith-rathad a bha treòrachadh a chum na làimhe deise gu baile beag ris an canair sa’ Bheurla Sleatford. An sin laidh an t-arm rè na h-òidhch’ ann an raon peasrach, do’n goirear Pairc a Ghreadhaich. Bha pheasair làn abaich san àm, agus dh’ ith na Gàeil cuid dh ’i agus chuir iad cuid eile dh’i bho fheum. Air a mhadainn thainig an Galla-bhodach, da’m buinneadh a pheasair, far an robh am Prionns’ a dh’-iarraidh diol- (Air a leantuinn air taobh 54.) [TD 52] [Vol. 9. No. 7. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OGUST 17, 1900. Tha Nobha Scotia ag agairt fhiach air Canada, agus tha e coltach gu leòr gu’m bi iad air am pàigheadh dhi. Cha’n ann mar sin a dh’éirich do Chuebec ’s do Ontario; tha fiachan aig Canada orra o chionn iomadh bhliadhna. Bha comhairle ’na suidhe o chionn treis a dh’ ùine a ceartachadh nan cùisean eatorra, agus tha i nise ’n deigh breth a thoirt. A reir na breth sin tha aig Ontario ri faisg air da mhillein dolair a phàigheadh a stigh do’n àrd-ionmhas, agus Cuebec còrr us ceud mile dolair. A bharrachd air sin tha aig Ceubec ’s Ontario eatorra, ri còrr us tri cheud mile dolair a phàigeadh do threibh Innseanach a tha deanamh an dachaidh a tuath air lochan Superior us Huron, na h-Ojibeways. Tha e air aithris gu’n d’fhuaireadh am mach gu robh àireamh de na Boerich ann am Pretoria a’ deanamh deiseil gu éiridh an ceannairc an aghaidh nam Breatunnach. Bha iad a’ cur rompa priosanach a dheanamh de Mhorair Roberts, agus na h-oifigich eile a mharbhadh; bha iad fhéin an sin a’ dol a dheanamh greim air a’ bhaile. Ach fhuaireadh am mach iad an àm, agus chaidh deichnear diubhsan a bha ’nan ceannardan orra a chur dh’ an phriosan. Tha moran dhe’n bharail gu robh tuilleadh ’sa chòir de shaorsainn aig na Boerich o’n ghlac na Breatunnaich am baile; cha’n eil na h-uiread aca nise, agus cha bhi gus an tig crioch air a’ chogadh. “’Nuair a thig sibh mu chionneamh ur naimhdean,” ars Uilleam, Impire na Gearmailte, ’se labhairt ri buidheann shaighdearan a bha e cur air falbh do Shina a thoirt a mach tòrachd an àrd-theachdaire ’chuir na “Boxers” gu bàs, “cuimhnichibh so: Na caomhnaibh duine. Na glacaibh aon dhiubh mar phriosanach. Cleachdaibh ur n-airm air dhòigh ’s nach leig an t-eagal le Sineach sùil choimheach a thoirt air Gearmailteach gu ceann mile bliadhna.” Tha e doirbh a chreidsinn gu’m biodh e comasach do ard fhear-riaghlaidh dùthaich Chriosdail mar tha Ghearmailt briathran cho brùideil ’s cho an-iochdmhor a labhairt. LITIR A DETROIT. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha co-fhaireachdain agam féin an diugh ri Abou Ben Adam, (gu meudaich a threubh!) Bha esan duilich a chionn ’s nach robh ainm fhéin am measg ainmean nan daoine taghte ’san Leabhar Oir; agus tha mise mar an ceudna duilich a chionn nach fhaca mi m’ ainm féin am measg ainnean nan Gàidheil ’sa MHAC-TALLA. Chuir mi Ordamh Posda air son dolair a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA toiseach Iulaidh. Mar fhaic mi m’ainm anns an ath àireamh dhiùbhsan a phàigh, bidh fios agam nach d’ rainig an dolair sibh, agus gun dàil cùiridh mi dolar eile air adhart. Tha mi ’g ionndran nach ’eil ach fior chorra litir ’sa’ MHAC-TALLA air an t-samhradh so. Ciod e dh’éirich do na sgriobhaichean gasda a b’ àbhaist a bhi toirt dhuinn iomadh litir chiatach? Tha mi de’n bharail gur h-e an teas anabarach a tha sinn a footainn am bliadhna a tha ’gan cumal bho bhi sgriobhadh. Tha an t-side fuasach teth an so, agus moran de fhrasan beannaichte a’ tuiteam. Tha bàrr math deth gach seòrsa againn. Tha tunnag mhor fhiadhaich ’s a’ Ghaeltachd ris an abrar, gu bithanta, a’ lach. Tha iomadh sgeulachd m’a deighinn, agus tha i fo’n chliù a bhi fuasach glic. Thug té dhiubh a mach àl an toiseach a Mhàirt agus chinnich leatha gu ro mhath gu toiseach April. An sin chrath i a sgiathan a toirt dùlan do’n mhàrt, agus thuirt i:— “Ge b’oil leis a’ Mhàrt a chab liath Ghleidh mise mi féin ’s mo dha isean diag.” Dh’ iarr am Mart tri làithean an iasad air April; thug April sin da. An ceann nan tri laithean cha robh aig an lach ach aon isean ’s bha e air leth shùil. Riamh bho’n uair sin theirear “na tri làithean iasaid” ris a chiad tri laithean de April; agus tha iad gu tric na’s stoirmeile na am Màrt. “Ma’s breug bhuam ’s breug ugam.” Slàn leibh. Ur caraid, DONULL MAC LEOID. Detroit, Ogust 4, 1900. Fhuair sinn dolar Dhonuill—cothrom math aige—ged a chaidh ainm air seacharan oirnn an àm a bhi ’g innse co a phàigh. Cha’n eil fhios againn car son nach eil tuilleadh litrichean a ruigheachd MHIC-TALLA. Tha sinn an dòchas gur h-e, mar tha Donull ag radh, an teas is coireach; ma’s e cha’n fhada gus am bì litrichean gu leòr a tighinn, oir bidh an teas an ùine ghearr seachad, agus bidh luchd-sgriobhaidh nan litrichean air am fàgail gun leisgeal. Cha toigh leinn a bhi moladh duine ’n clàr an aodainn, ach cha’n urrainn duinn an cothrom so a leigeil seachad gun a radh, ged a ’tha càirdean MHIC-TALLA lionmhor ’s ri ’m faotainn fada ’s farsuinn, nach eil aon ’nam measg a tha na’s dilse do’n phaipear no na’s deònaiche air gach ni na chomas a dheanamh gu soirbheachadh a chur leis na tha Donull Mac Leoid. Tha sinn an dòchas nach ruith moran ùine gus an sgriobh e litir eile. AM FEAR-DEASACHAIDH. F. H. REYNOLDS, ARD CHEANNAICH’-AODAICHEAN. South Charlotte St., - - - Sidni. Tha stoc de dh’ aodaichean Fhirionnach againn na’s motha na tha aig ceannaiche sam bith eile tha ’n Sidni. Tha sinn ’gan ceannach ’nan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta. Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5.00. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Arineis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 53] [Vol. 9. No. 7. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Riaghladair ùr againn air Nobha Scotia, an t-onarach A. G. Jones: bha e air a mhionnachadh a stigh do’n dreuchd Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh Eadailteach a ghlacadh oidhche Dior-daoin s’a chaidh ’se goid aodaich us uidheaman á ciste saoir a bha air a fàgail ann an tigh ùr anns an robh an saor ag obair. Chaidh a thoirt gu cùirt an ath latha agus fhuair e da mhios dhe’n phriosan. Tha e gle choltach gum bi taghadh na h-àrd phàrlamaid ann romh dheireadh na bliadhna so, ma dh’ fhaodte romh dheireadh October. Bidh ùine na parlamaid a th’ ann an dràsda mach an ceann deich miosan eile, agus ’se ’s dòcha nach feith an riaghladh ris an àm sin. Tha an t-uisge ’fàs gann anns a’ bhaile, agus tha an luchd-riaghlaidh a toirmeasg a bhi deanamh ana-caithamh air le bhi ’g uisneachadh barrachd dheth ann an obair sam bith ’sa bhios feumail, agus ag iarraidh air gach neach a tha ’ga ghabhail a bhi cho caomhnach air ’s is urrainn iad. Bha stoirm mhor de chlacha-meallain mu bhràigh na h-aimhne Ottawa aon latha air an t-seachdain s’a chaidh: ’Nuair a bha i thairis bha tri òirlich de shneachda ’s de chloich-mheallain air an làr. Tha e duilich a dheanamh am mach co-dhiubh a bhuineadh an stoirm sin do’n gheamhradh s’a chaidh no do’n gheamhradh s’a tighinn. Tha e na riaghailt an Canada a nise nach fhaod luchd-imrich tigh’nn do’n dùthaich mur bi de dh’ airgead aca na chumas suas iad gus an teid aca air am beolaind fhéin a chosnadh. ’Se bu choireach an riaghailt so a dheanamh gu robh daoine a tighinn a bha cho bochd ’s gum biodh iad nan uallach air an dùthaich ’g an cumail suas. Cha’n e sin an seòrsa sluaigh a tha dhith air Canada idir. Chaidh Humbert, righ na h-Eadailte a thiodhlacadh ’san Roimh, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Aig cala ’n rathaid-iaruinn fhuaireadh duine armaichte am falach a feitheamh gus am faigheadh e cothrom air an rìgh òg, Victor Emmanuel, a bha tighinn air a’ charbad-iaruinn gu tiodhlacadh ’athar. Chaidh a ghlacadh air ball, ’sa chur an greim. Thatar a’ deanamh am mach gu bheil e de’n aon droch cuideachd rì Bresci, a mhort righ Humbert. Di-haoine s’a chaidh, bha dithis dhaoine mhuinntir Newfoundland, Seumas Mercer agus Anderson Dyer, air an goirteachadh aig laimhrig na h-obair-iaruinn, agus chaochail iad air feadh na h-oidhche. Bha iad a toirt luchd iaruinn bhar soithich, agus thuit làn tuba dheth air am muin, ’gam prannadh air dhòigh ’s nach b’ urrainn dhaibh a bhi beò. Dh’fhàg Mercer bean agus sianar chloinne. Cha robh Dyer pòsda. Air a cheart latha bha fear Nataniel Carney, a mhuinntir Harbor Grace, Newfoundland, air a mharbhadh ann am mèinn Chaledonia, le tuiteam guail. Dh’ fhàg esan teaghlach mar an ceudna, bean us sianar chloinne. Ann an Acarsaid Neill Di-satharna bha fear Iain Jean air a mharbhadh le bruis a thilg Tomas Ingraham air; bhual a’ bhruis an taobh a’ chinn e. Thainig sgeul an dé gu robh an t-arm Eòrpach an deigh Pekin, baile-mor Shina, a ruigheachd. Ma tha sin fior, bidh dùil ri naigheachd chudthromach an ùine ghoirid, ach cha’n eil cinnt sam bith fhàthast gu bheil e fior. Tha ceannaichean-feòla ann an Chicago an deigh òrdugh fhaotainn o riaghladh nan Stàidean air son da mhillein punnd feòla air son nan saighdearan a tha aca ’sna dùthchannan an ear. Tha sinn an dòchas nach e ’n seòrsa fhuair iad air son nan saighdearan ann an Cuba a dha bliadhna ’n t-samhraidh so a gheibh iad air an turus so. Bha teine mor ann a White Bay, Newfoundland; chaidh sia fichead tigh-comhnuidh a losgadh, muillean-sabhaidh mhor agus neart mor fiodha. Bha an sgireachd air a losgadh o cheann gu ceann. Bha call beatha mor air a bhi ann mur b’e gu’n do thachair soitheach a bhi stigh le luchd guail; chaidh an sluagh air bòrd oirre, agus fhuair iad a dhol gu àite sàbhailte. Tha an t-Urr. Calum Caimbeal, á Strathalba, E. P. I., air an t-seachdain so a’ cur cuairt am measg a chàirdean ’sa sheann luchd-eòlais air an eilean so. Bidh ar leughadairean duilich a chluinntinn nach eil a mhac, Alasdair, a bha air a bhualadh le tinneas trom ’sa gheamhradh s’a chaidh, air a dhol moran am feobhas fhathast, ged a tha dòchas gu’n dean ùine a thoirt gu bhi ann an slàinte na’s fhearr. Tha Sir Wilifrid Laurier ri bhi ann an Sidni ’s an Sidni Tuath an diugh. Bha e ann an New Glasgow ’s am Pictou Di-luain ’s Di-màirt. Bha e ann an Arichat Di-ciaduin aig coinneamh mhor nam Frangach. Tha muinntir nam bailtean so a’ cur rompa fhailteachadh gu cridheil agus a bheatha dhenamh mar bu chòir. Cha’n eil e air a’ chuairt so a tighinn mar cheann-feadhna na pàirtidh d’ am buin e, ach mar Phriomh Mhinisteir Chanada, agus mar sin tha muinntir an da champa, cho math riuthasan nach buin do champa sam bith, a’ cur urram air anns gach àite ’m bheil e taghal. Tha an cogadh ann an ceann a deas Africa a teannadh ris a’ chrich. Ged a tha soirbheachadh beag an dràsda ’sa rithist le arm nam Boereach, tha iad a’ call fad na h-uine, agus a lion beagan us beagan tha ’n t-arm Breatunnach ’g an cròthadh a stigh, agus mu’n teid moran tìme seachad, thig orra toirt suas. Tha àireamh mhor dhiubh air toirt suas cheana, agus mur b’e cho diorrasach ’sa bha Crugar us Steyn a’ cur rompa nach deanadh iad sith ri Breatunn air chor sum bith, bhiodh an dùthaich gu h-iomlan fo riaghladh Mhorair Roberts roimhe so. Thainig sgeul air an t-seachdain so gu robh Steyn an deigh crioch a chur air fhéin, agus gu robh Crugar deònach toirt suas. Co-dhiu tha sin fior no nach eil, cha’n eil fhios fhathast, ach ma tha, faodar a radh gu bheil an cogadh seachad, oir b’ iad sin an da cheap-tuislidh a bha ’san rathad o’n thainig an samhradh. Aodaichean Deante SAOR AGUS MATH. Caiseart dhe gach Seorsa, Pris us Fasan, Truncaichean us Maileidean, dhe gach meud agus dath, agus iomadh ni eile. H. H. SUTHERLAND & CO. STOR SHAOR NA H-AON PHRISE SIDNI, - - C. B. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN, AIR an t-seachdain so a’ fosgladh Seomar Dhealbh ur os cionn stor Aonghais mhic Ghuaire. Bidh an Seomar Dhealbh so air aon cho math ’sa tha ann an Nobha Scotia. Tha gach dealbh a mithear ann dhe’n t-seòrsa ’s fhearr. Tha sinn a toirt cuireadh do na h-uile taghal a stigh a dh’fhaicinn sampuill dhe ar n-obair. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. Chaidh fear Eachunn Mac Gilleain, saor a bha ’g obair air an eaglais ùr Chleirich an Sidni Tuath, a ghoirteachadh Di-satharna s’a chaidh. Thuit e bhar mullach an togalaich,agus bhrist e cnaimh na guaille. Buinidh e do Cheap Mabou. “’S math an gnothuch,” arsa Pàruig, nach eil am feur cho trom ris a ghual.” “Car son so?” ars a charaid Micheil. “A chionn,” arsa Paruig, “gu’m biodh tunna dheth cho trom ’s nach b’urrainn do dhuine bochd mar a tha mi-fhin mart a chumail!” [TD 54] [Vol. 9. No. 7. p. 6] (Air a leantuinn o taobh 51.) adh a’ challa. Chaidh fharraid dheth an gabhadh e litir a Phrionns’ air son na suime, a rachadh a phàigheadh dha cho luath sa’ thigeadh an t-sìth. Thuirt an Galla-bhodach gum b’u roghnaiche leis urr’ eigin eile a b’ fhaisg’ air làimh, agus ghabh e sgriobhadh Dhiùc Pheairt ’san t-sùim. ’Nuair a chualas ann an Dunéideann gu’n robh na Gàeil ann an imisg mìle do’n bhaile shonraicheadh dà réiseamaid thrùpairean, (choirneil Gharnaileir agus Hamilton) a sheasamh rompa aig baile beag do’n goirear Corstorphine ma thuaiream dà mhìle bho na bhaile. Bha còladh ris an dà réiseamaid each so trì réiseamaidean eile de shaighdearan coise, réiseamaid Dhunéideinn, am Malisi, agus Geard a bhaile. Bha’n dà réiseamaid as deireannaich’ a dh’ ammich mi dhiù so ag amharc anabarrach dis agus giorragach, agus cha b’ iad na trùpairean mòran bu mhisneachaile. Air dhaibh an cairtealan òidhche thoirt orra dh’ fhàg iad pàirtidh air an fhreiceadan. Air do na Gàeil a bhi triall air an aghaidh a chum a’ bhaile thug iad an aire do’n fhreiceadan so, agus chuir am Prionnsa fear no dithis dheth a chuid marcach féin a dh’ fhaicinn ciod an àireamh shluaigh a bh’air an fhreiceadan. Air faicinn do naGàel nach robh ann ach ma thuaiream dusan mharcach loisg fear ac’ urchair á daga, agus cha do stad na trùpairean gealtach so ris an ath urchair a chluinntinn, ach spuir iad an cuid each, agus b’iad na casan bu luaithe na casan bu docha leo, gus an d’ràinig iad a chuid eile dheth an réiseamaid each a bha na ’n stad aig Drochaid an t-Searraich, a tha ma dhà mhìle bho Chorstorphine. Cha luaithe dh’innis am freiceadan d’an còmpanaich gu’n robh na Gàeil air tighinn a’ fradharc na theich iad gu léir air falbh le giorraig uabhasaich, (cha b’ ann gu baile Dhunéideann a dhion bho’n eas-caraid,) ach air feadh na dùcha mu’n cuairt a thaisbeanadh an geilte do mhuinntir a bhaile. Do mheud sa’ bha chàirdean aig Tearlach sa’ bhaile bha so na shealladh ro éibhinn, ach, air an làimh eile, bha àrdan na Cuigse air sioladh chum an làir le h-an-dòchas. ’Nuair a chunnaic muinntir Dhunéideinn gun do theich na trùpairean, ghlaodh iad a dh’aon ghuth gu’m bu diamhain sùil a bhi ris a bhaile ghleidheadh, agus gum b’fhearr dhaibh striocadh mas dùisgeadh iad fearg nan Gàeil, agus ghlaodh iad ris a Phroaist, air dhaibh fhaicinn a falbh na sràide, gum bu chòir dha muinntir a’ bhaile ghairm an ceann a chéile chùm an comhairle chuir cuideachd ma ciod bu chòir a dheanamh. Chuir am Phroaist aonta ri ’n achanaich agus chruinnich an sluagh. Chuir am Phroaist an sin teachdairean gu oifigich a chrùin gus am faigheadh e an comhairle-san mu’n chùis, ach air do na teachdairean an ionadan còmhnaidh a ruidhinn, thuig iad gun theich na h-oifigich air falbh ás a bhaile!—Cha b’ fhad’ an deigh so gus an tàinig litir bho ’na Phrionns’ a dh’ ionnsaidh àrd Phroaist riaghlaidh a’ bhaile, agus bha sùim na litreach mar so sios:— “Bho ar Camp, an 6-amh latha-diag de’n t-Seachdamh Mios, 1745. Air dhuinn a bhi nise comasach air ar rathad a’ dheanamh dh’ionnsaidh ard-bhaile rioghail Albunn a bhuineas da Mhorachd, tha sinne le so, a’ toirt bairlinn dhuibhse n-ar gabhail a steach; do-bhrigh gur e bhur dleasanas sin a dheanamh, agus a chum ’s gu’n dean sibh e, tha sinne ’g iarraidh oirbh cho luath ’sa thig so gu bhur lamhan, sanas a thoirt do dh’ ard-chomhairleichean a’ Bhaile, agus seol iomchuidh a’ ghabhail chum sith na cathrach a thearnadh; ni air am b’eil sinne fad an geall. Ach ma dh-fhuiligeas sibh feachd an eas-caraid a thighinn a steach innnte, no h-aon dheth na gunnaidhean mora, no armachd, no fudar, no peileirean, a ta nis innte,(co dhiu a bhuineas iad do ’n baile no do dh-urrachan diomhair) a ghiulain air falbh: measair sin leinne mar bhristeadh dleasanais, agus na ar-a-mach ann an aghaidh an Righ, agus n-ar n’ aghaidh-ne; agus diolaidh sinn da reir. Tha sinn a’ gealtainn gu’n cum sinn coir agus saors’ a’ bhaile agus an cuid araidh fein ri gach aon de dh-iochdaranan an righ, ach ma nithear an eis a’s lugha ’chuir oirnn, cha sinne tha gu freagairt air a shon, a thaobh gu’m beil sinn a cuir romhainn, air gach aon chor, a dhol a steach do ’n bhaile; air an aobhar sin, ma gheibh sinn a h-aon de’n luchd-aitichidh ’n-an armachd, cha ruig iad a leas duil a bhi aca, gur ann mar chimich a ghnathaicheas sin iad. TEARLACH P. R.” (Ri leantuinn.) [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. Tha muinntir Chanada ag òl moran ti, agus anns na roinnean a tha ris an Atlantic ’si Union Blend, a tha creic aig 25, 30, 35 us 40 sent, an seorsa ’s measaile. Tha ’n ti so glan, blasda agus fallain. Tha inchair agus cairt-sheòlaidh anns gach pasg. Gheibhear anns an àireamh so sanas bha Kelly & Dodge. Cha’n eil teagamh nach iad so na dealbhadairean a’s fhearr a tha ’sa bhaile, agus gheibhear obair mhath uapa. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Bi gabhail a MHAR-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 55] [Vol. 9. No. 7. p. 7] LITIR A AFRICA. (Air a leantuinn.) Chaidh sinn an toiseach air adhart a dh’ ionnsuidh na laimhe clì, far an robh camp nam priosanach, a chionn gu’n robh na oifigich leinn, agus gheibheadh iad cead o’n fhreiceadan gu ’n rachamaid dlùth air a challaid a bha mu’n cuairt air a champ. Bha daoine mòr tlachdmhor, cho dubh rìs an t-suith ann an deise bhriagh nan “Hussars” reisimeid an airm Bhreatunnach ann an Innsean an iar, a cumail freice adan thairis air na “Boers,” comhla ri cuideachd do réisimeid Shasunnach. Bha na saighdearan dubha ann am briogais ghoirid dubh-ghorm, peiteag gheal agus cota goirid de scàrlaid, le putain agus obair ghreis òir mu ’n amhach ’s caol an dùirn, agus le ceann-aodach geal. Theid mi ’n urras gu ’n do nochd iad gu math. Thainig tiomachadh mòr air mo chridhe, air dhomh na priosanaich fhaicinn. “Ciod a rinn iad,” arsa mise rium fhéin, “ach an rud a dheanadh tu fhéin nam feuchadh rioghachd air bith eile tighinn a stigh do Albainn? Ciod a rinn iad ach an ni a rinn sinn fhéin gach uair a dh’fheuch Sasunn ar duthaich bheag bhòidheach a thoirt uainn?” Tha mi ’g innseadh dhuit gu ’n cuirinn a sios aran is bainne cho deas dhoibh ’s ged a bu Shasunnach iad—cha ’n abair mi Albannach, oir ’s fheudar cumail ris an fhìrinn, tha bàigh shònruichte againn ri ar daoine fein. Ach cha robh dìth orra. Bha iad 1700 tr. os cionn an loch, ann an àite fallain. Bha biadh, is leabaichean aca, agus bhiodh na saighdearan bitheanta a cluich air chleasan leo, g’ an cumail sunndach. Dh’ fheuch Col. Schiel—Gearmailteach—ri teicheadh, agus a chionn gu ’m b’e so an dara ionnsuidh a thug e chaidh a bhagradh air gu’n rachadh a chumail an geimhlibh gu’s an biodh an cogadh thairis na feuchadh e rithis e. Chaidh a thoirt as an Tigh-Shanuis, far an robh e, ’s a chur a stigh na b’fhaide ’s an eilean. Fhuair “Tòisein” cead an coltas a ghabhail, ni a rinn e gràinnean uairean. Thug mi’n aire gu deachaidh aon ghill’ òg am falach, ’s chum e posda de ’n challaid eadar a ghloine agus ’aodann, ’s cha troidinn ris air a shon sin. Leugh mi anns a phaipeir-naigheachd aig an tigh—da uair thairis—mu thoiseach an turuis aig na daoine sin; ’s beag a shaoil mi gu ’m faicinn iad ’ga chriochnachadh! Cha do ghabh e fada dol as a champ a mull gu “Longwood” an tigh anns an do chuir Napoleon seachad na bliadhnachan mu dheireadh d’a bheatha, agus anns an do chaochail e. Chaidh sinn troimh gach seòmar, le ioma smuain chudtronach. Cha robh a bheag de àirneis annta, ach anns an t-seòmar anns an doshiubhail an duine mòr bha iomhaigh anabarrach math a chaidh a thoirt deth air Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies ’S mor àireamh na muinntir sin d’am bu chòir a bhi ’cuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil ga ’dheanamh sin. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN—A Sidni, 8.15, 10 p. m. A Sidni Tuath, 7.30 p. m., 9.15 p. m. DI-MAIRT GU DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. * TURSAN DIREACH. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads. and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary £50.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. A. J. G. MACEACHUINN, FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, - - C. B. DR G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. [TD 56] [Vol. 9. No. 7. p. 8] an là air an d’ fhalbh e. Sgriobh sinn ar n-ainmean an so a rithist ann an leabhar nan turusaiche, ’s thionndaidh sinn gu falbh. Arsa “Toisein,” le sudhach gàire—“Is rud neònach leam fhéin daonnan an uair a theid duine spaisdearachd air feadh sheomraichean ’s àitean mar sin, le aghaidh fhada, ’s gun dad ri fhaicinn!” “Tha mòran ri fhaicinn le suil na h-inntinn!” fhreagair aon eile de’n chuideachd, ’s leis so a ràdh theann sinn a mach. B’ i nighean òg an Fhrangaich a thainig a’ ghlasadh an doruis. Thugadh litir dhi, thun a h-athair, a chaidh a thoirt duinn le duin-uasal d’ar luchd-eòlais air a “Ghot.” Air so a leughadh, fhuair sinn cuireadh thun a thighe, ’s chaidh àite-suidhe thoirt a mach dhuinn air beulaobh an tighe, fo sgàile nan craobhan dosrach, air an toinneadh, ’s air an crochadh le blàthan, mar an iadh-shlat, ’s mar sin a sios. Bha na seòmraichean aig an tigh so àrd eireachdail, ach bha iad trang ri imrich a dheanamh as thun an tighe a bha sinn air fhàgail, oir bha feum aig “Lord Bathurst” air mar àite-comhni dh fhad ’s a bhiodh an réisimeid an sin. Bha an t-àros so ’ga thogail air son Bhuonaparte, le Breatunn, direach an uair a leagadh sios e le galar a bhàis. Fhuar sinn cupan “tea,” chuir sinn dhinn ar sgìos, agus le ioma taing air son an dòigh shuairce ’s an do ghabhadh againn, gabh sinn ar cead do na daoine, ’s do ’n àite, ’s theann sin a sios am bruthach thun ar dachaidh air an fhairge. Bha ’m bathar buileach a mach air an ath fheasgar, agus air madainn Di-ciadain chuir maraichean an Niobe, ’nan aodach geal, ’s le ’m biodagan ri ’n thaobh, na prìosanaich air tir ann am bàtaichean na luinge aca. Bha 312 priosanach ann, a giùlan am poitean ’s àirneis eile, mar a bha dhi orra. Aig a cheart àm chaidh na “Glosters” air tir. Chunnaic sinn iad a ’dol an ordugh air a cheadha. Chaidh buidheann air thoiseach air na priosanaich, buidheann eile as an deigh, agus aireamh dhiubh measta leò. Chum sinn sùil orra a’ dol a stigh air a gheata, ’s a suas am bruthach, am biodagan ruiste a dealradh ’s a ghréin, agus glé ghoirid na dheigh, thòisich feadan deathaich a “Ghot” ri ùllabhartaich, thug i criothnachadh bras na dhà aisde, ’s thionndaidh sinn gus na 1700 mile eadar sinn ’s Ceap-an-deadh-Dhòchais a chur na giorrad, le chridhe toilichte—air mo thaobh-sa dheth,gu’n robh sin cinnteach as a chùram mhath bh’air a ghabhail do’n t-Seanalair thapaidh sin ’s a dhaoine a sheas blàraibh an dùthcha gu gaisgeil. Ach an uair a bha sinn greis a mach o’n eilean thainig an campan sealladh, agus b’e am facal mu dheireadh a thilg cuid de’n chuideachd ’nan déigh, “Futsac!” ’s e sin “Druis a choin!’ ’S cha robh sin laghach dhoibh. Ma tha mi air do sgitheachadh le’m naigheachd fhada, tionndaidh agus sgìthich mise le té cho fada rithe. Do bhana-charaid gu bràth. K. W. G. Tha ceud de shaighdearan Chanada, a dh’ fhàs tinn ann an Africa mu Dheas, air an turus dhachaidh. Rainig iad Lunnuinn toiseach na seachdain, agus chuir sluagh a’ bhaile sin fàilte chridheil orra. Sheol iad á Liverpool Di-màirt. Bhuineadh iad do Eachraidh Strathcona. Gheibhear an àit eile sanas bho F. H. Reynolds, a tha ’n deigh fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Matheson Townsend & Co. Tha stoc mor aodaichean aige a tha e creic air prisean gel iseal. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. The Scotish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29, 1900 1yr [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 57] [Vol. 9. No. 8. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 24, 1900. No. 8. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XI. TINNEAS IACOIB. An toiseach an ath gheamhraidh, a thainig a stigh le sneachda trom a lion gach cnoc ’us glac, dh’fhas Iacob fior thinn. Ghuidh Mairi air e ’leigeil leotha fios a chuir a dh’ionnsaidh an lighiche a bh’ann ’sa bhaile a b’fhaisg orra, agus dh’fhalbh an tuathanach blath-chridheach e-fhein ’ga iarraidh le sleighe. Rinn an lighiche cungaidh-leigheis a chuir suas da, agus an uair a bha e falbh lean Mairi e thun an doruis. Dh’fheoraich i dheth ciod a’ mhisneach a dh’fhaodadh a bhi aice thaobh slaint’ a h-athar. Thuirt an lighiche rithe nach robh e am fior chunnart bais ’s an am; ach gu’m faodadh an tinneas a chnamh cho mor, agus ann an uine nach biodh e ro-choltach moran earbs a chuir a neart seann duine mar bha easan. Bha so gle mhuladach le Mairi, theab i tuiteam gu lar, agus thoisich i ri gal ’s ri osnaich. Thiormaich i sin na deoir, agus thug i ionnsaidh air fas car aoidheil ma’n ruigeadh i h-athair seach bochdainn ’s am bith a chuir air inntinn. Bha Mairi a’ frithealadh air a h-athair ionmhuinn le curam fior ghràdhach. Dh’aithnicheadh i air aodann ciod sam bith a bha dhith air, agus bhiodh e air a leasachadh ma’n tàradh e bruidhinn rithe. Shuidheadh i suas lamh ris, air faidead na h-oidhche. ’Nuair a ghabhadh i comhairle nam feadhnach sin a bha le truas a sireadh oirre dol a laidhe tacanan, ma’n cailleadh i ’slainte fhein le cion fois ’us cadail, ’s gann gu’n tigeadh norradh air a suil. Na’n cluinneadh i a h-athair a’ casadaich, bha i fo gheillt; ged nach deanadh e ach gluasad ’s an leabaidh, leumadh i air a cois a dh’ fhaicinn an robh dad cearr. Bha ì daonan furachail air agus rinn i gach seirbheis bha riatnach mu thimchioll leis a ghradh bu chaoimhneile. Bha i socrachadh na cluasaig fo cheann; bha i leughadh dha; agus bha i ’g urnaigh air a shon gun tàmh. Cha ghabh e innse co miad uair, an am a thigeadh cadal air, a shealladh i gu dian air an leabaidh, le suilean deurach a’ fàsgadh a lamhan, agus ri urnaigh gu fòil: “O Dhia, na’m b’e do thoil fhagail agam beagan eile de dh’uine—eadhon aon bhliadhna!” Le deagh riaghladh ’s le bhi ’g obair ’s an oidhche, chaidh aic air beagan a chuir ma seach; ach chosg i a nis am fairdean mu dheireadh a ceannach gach ni a shaoileadh i a dheanadh cuideachadh le h-athair. An seann duine beannaichte, ged a thainig e beagan air aghairt, bha e tuigsinn ann fhein gu’m b’e so an tinneas a chuireadh crioch air, ach bha e toilichte agus bha inntinn aig fois. Bha e bruidhinn gun dad a sgath mu’n bhas, a bha a nise ’tighinn dluth air. Ach thuirt Mairi, ’s na deoir a ruith sios le ’gruaidhean: “O, athair ghaolaich na bithibh a’ bruithinn mar sin mu’n bhas! Cha’n urrain mise aon uair smaointeachadh air. Gu de an sin a dh’eireas domhsa? Mo chreach! Cha bhi aon duine aig ’ur Mairi bhochd an sin a ghabhas curam dith.” “Na bi a’ gal mar sin, mo leanabh gaolach,” ars’ a h-athair ’s e breth air laimh oirre, “tha Athair math agad ’am Flaitheanas. Bi easan maille riut ged a rachadh t-athair talmhaidh a thoirt air falbh. Cha’n eil e ’cuir na trioblaid a’s lugha orm ciomar a tha thu dol a dh’fhaighinn gu math tro’n t-saoghal. ’Nuair a tha eoin nan speur a’ faighinn na dh’fhoghnas daibh, ciamar a bhios thusa ’an eis? Tha Dia a’ gabhail curaim de’n ghlaseun air mullach an taighe, cia miad uair a’s mutha na sin a churam dhiotsa? Cha’n ’eil bho’n duine ach beagan, agus sin fhein fad uine bhig. Mo chreach, tha gnothuichean a’s cudthromaiche na sin ’gam chradhadh! ’Se m’ uile churam thusa dh’fhuireach daonan cho math, ’s cho diadhaidh agus cho neo-lochdach ’sa tha, taing do Dhia, thu aig an am so. Mo thruaighe, is beag tha fhios agad fhathasd, mo nighean ghaolach, gu de cho olc, truaillidh ’sa tha ’n saoghal, agus na th’ann de dhaoine aingidh. Tha feadhainn ann ’s cha bhiodh e ach na spors leo, nighean og mar tha thusa, a chuir fo mhi-chliu, agus onair, sith ’s toileachadh an t-saoghail so a thoirt bhuat! Their iad riut gu’m beil thu leanabail ’n uair a labhras tu riutha mu eagal De, mu chogais, mu na faintean, agus mu’n t-siorruidheachd. O, seachainn na daoine sin! ’Nuair a their iad gu’m beil thu maiseach, ’s a ni iad brosgul riut, na toir cluas daibh ’s na cuir feairt orra. Na gabh gibhtean sam bith uapa, agus na creid an geallaidhean. Tha Satan gle thric ’an riochd aingeil, agus tha a’ nathair ro-thric ’na cadal am measg nam flùran. Feuch, thug Dia dhut aingeal dileas gus do ghearrd—deagh bheusachd. ’Nuair a chluinneas do chluas seanachas mi-chiatach ’s am bith a tha ’n aghaidh neochiontas is beusachd, feuch gu de cho luath ’sa thig lasadh na do ghruaidhean. Gabh sin mar fhaireachadh a tha thu faighinn bho aingeal an neochiontais! Na cuir corruich air, air eagal ’s gum fag e an sud thu. Fhad sa tha easan a’ cumail faire ort, ’sa dh’eisdeas tusa ri shanais-san, cha’n ’eil thu ’an cunnart o’n bhuaireadh. Ach co luath ’sa ghabhas tu ro smaoin sam bith tha’n aghaidh a chomhairle-san, tha thu ’an cunnart a bhi caillte gu siorruidh! “O Mhairi, faodadh do namhaid fas suas ann ad chridhe fheìn. Tha suilean agad a sheallas le toileachadh air an olc, agus bheirear cha mhor a chreidsinn ort, nach olc idir e, ach gnothuch neo-chiontach, ceadaichte. Ach gabh rabhadh na am. Càirich briathran t-athair ’tha dol a dh’ionnsaidh a bhais laidir ’n ad chridhe. Na gabh, mata, gu brach ro smaointean ’sam bith a chuireadh athadh ’n ad aodann na’n saoileadh tu gu’n cuala t-athair e. Bithidh mo shuilean-sa, an uine ghoirid, air an druideadh gu siorruith. Cha’n urrainn mise ni’s fhaide faire ’chumail ort. Ach cuimhnich gu bheil t-Athair neamhaidh a’ cumail faire ort, a’ sealltuinn daonan a nuas ort, ’s a faicinn eadhon smaointean diomhair do chridhe. Na’n d’thugadh tu reusan broin ’s am bith dhomhsa, t-athair talmhaidh, le d’dhroch ghiulain, chriothnaich tu le eagal; ach tha e na aobhar eagail is curaim mile uair na’s mutha, miothlachd a chuir air ar n-Athair ’tha ’s na Flaitheas. “Seall orm, a Mhairi. O! uair ’sam bith a tha thu air do bhuaireadh gu olc, cuimhnich air m’ aogasg seachdte, agus air na deoir a tha ruith a sios le mo ghruaidhean glaiste. Thig faisg orm agus cuir do lamh ’n am laimh fhuair-sa, a thionndaidheas an uine ghoirid gu duslach; geall dhomh-sa nach diochuimhnich thu mo bhriathran-sa gu brach! An am a’ bhuaireidh biodh e mar gum bitheadh mo lamh fhuar-sa ’gad tharruinn air ais o’n t-slugan gun ghrunnd! “Mo leanabh math; tha thu coimhead air m’aghaidh ghlaiste, sheachdte le deoir. Faic, mata, cho diomain ’s a tha gach ni saoghalta. Agam sa, aon uair, bha gnuis lionte, urail, ruiteach mar tha agad-s an drasta. Thig an latha ortsa ’s am bi thu fhein ’n ad laidhe sios, mar tha mise, glaiste, seachdte air leabaidh a bhais, se sin mar d’thoirear air falbh thu as an t-saoghal so fhad ’s a tha thu og, neo-chiontach. Tha cridhealas m’oige mar fhlùrs an earraich ’sa chaidh, cha’n faicear an diugh cait an robh iad; air neo coltach ris an driuchd air na blàithean, a boillsge car tacain, ’s an tiota cha bhi sgeul air. Ach tha deagh ghniomhan coltach ri clachan fiachail, aig am beil luachmhoireachd mhairionnach—tha mathas agus deagh chogais coltach ris a’ chloich sin a’s airde ’s a’s priseile a th’ann, an daoimean, nach urrainn cumhachd dhaoine a mhilleadh. Bi thusa an toir air an leug phriseil so. ’Se m’ uile shòlas an diugh a bhi smaoineachadh air a mhathas a rinn mi, beag no mor e; agus ’s e bhi cuimhneachadh mo mhearachdan an aon trioblaid ’tha cuir air m’ inntinn. “Cum air d’aghairt ’am mathas, mo leanabh gràdhach, smaoinich gu tric air Dia, bi glu sad daonan ’na fhianuis, bitheadh e fad na h-uine ’n ad chridhe. Annsan fhuair mi gach solas a b’fhearr; agus anns gach amhghair, b’e m’aon agus m’ard chomhfhurtair. “Creid mi, Mhairi, tha mi labhairt na firinne! na’m biodh a chuis air atharrachadh, dh’innsinn e. Chunnaic mis an saoghal cho math ri duine sam bith, ’nuair a bha mi air siubhal maille ris an Iarla. Uair ’sam bith a bhiodh gnothuch mor no spleadhnasach ri fhaicinn ’sa bhaile mhor, bhithinn-sa ’na mheasg. Is minig a chaith mi dorlach sheachduinean a’ gabhail mo thoileachaidh fhein, bhithinn air gach feill, bàl, cluich, ’s gach cruinneachadh a b’iongataich na cheile; chunnaic mi gach gnothuch de’n t-seorsa sin cho math ri mo thighearn’ og, agus airson gach biadh bu shoghaile ’s gach deoch bu taitniche bha barrachd daonan a chorr ’s a chuirinn-sa dith air. Ach cha robh na solasan buaireasach so a lionadh mo chridhe. Tha mi ’g radh riut, o ghrunnd mo chridhe, gu’r mutha a thuair mi de dh’fhior sholas an tacan uine, a’ meadhrachadh leam fhein gu samhach ’san ghàradh ’an Ichburg, no ’an so fo’n tubha chonnlaich, no eadhon an so fhein air leabaidh a bhais, na na thuair mi riamh, ged a bhiodh iad comhlath, de thoilinntinn [TD 58] [Vol. 9. No. 8. p. 2] ann a bhi coimhead ’s a ’g eisdeachd ri ioghnaidhean agus spurt a’ bhaile mhoir. Seall thusa, mata, suas ri Dia airson gach toileachadh ceart, agus gheibh thu iad le deagh thomhas. “Tha fios agad fhein gle mhath, mo nighean ghaolach, gun d’thainig, ’an cursa mo shaoghail-sa, moran thrioblaidean ’n am rathad. Mo thruaighe, ’nuair a dh’eug do mhathair, bha mo chridhe mar ghàradh loisgte, tioram, air a mhilleadh le tuilleadh sa choir de ghréin ’s de dh’uisge. Threig m’uile dhochais mi, ach shir mi furtachd bho Dhia, agus thuair mi e. O mo leanabh, ann an cursa do bheatha, thig laithean ort ’s am bi do chridhe mar thalamh tioram, nach gabh lionadh. Ach na treigeadh do mhisneach thu! Bithidh an talamh air uairibh gle phàiteach, iarratach air uisge; cuiridh Dia a nuas e ’g a ionnsaidh ’an deagh am. Iarr comhnadh bho Dhia, le earbsa laidir a chuir Ann-san togaidh do chridhe mar a ni an talamh tioram, loisgte, ’nuair a gheibh e a leoir de dh’uisge ùrachail, blath! “Biodh earbsa laidir agad an comhnuidh a freasdal De; tha Dia e tionndodh gach ni gu math na feadhnach aig am beil gaol air; treoraichidh e sinn tro gach trioblaid a dh’ionnsaidh an t-sòlais a’s àirde. “Nach eil cuimhn’ agad-s, a’ Mhairi, ’n uair a bha sinn air allaban, cho bronach ’s a bha sinn, ’n uair a dh’fhas mise tinn aig taobh an rathaid mhoir? Seall fhein mar a chuir Dia an tinneas sin ’am rathad, gus mo stiuradh thun an aite shiochainteach so, far an do thamh sin cho riaraichte ré faisg air tri bliadhna. “Mar a bithinn-sa tinn cha d’thainig sinne riamh thun an tighe aca, no cha bhiodh iad idir cho truacanta ruinn, cha d’thugadh iad dhuinn, ma dh’fhaodte, ach pios arain ’us deoch bhainne, agus leigeadh iad leinn an sin a’ rathad a ghabhail. Mar a bitheadh mo thinneas-sa, cha d’fhuair sinne agus an teaghlach gasda so an leithid do dh’eolas math air a cheile. Gach toilinntinn a thuair sinn, gach math, ma dh’fhaodte a rinn sinn an so, na laithean solais a chaith sin ann, dh’eirich iad so uile o’n tinneas; mar so, a Mhairi, is leir duinn gu soilleir mathas De ann an trioblaidean na beatha-sa. Mar tha Dia le laimh fhialaidh a’ sgapadh nam flurs air feadh gach cnoic ’us glaic, ’s a’ choille ’s ri taobh nan allt, agus eadhon anns gach suaimp us boglaich, los gu ’m faic sinn ’s gach aite a mhathas agus a ghradh; ’s anm ’s an aon doigh a tha e comharrachadh gach cuis ’n ar caithe-beatha le dearbhaidhean air a ghliocas, air a ghaol ’s air a throcair, los gun teagaisg e, do gach aon a sheallas, cuimhne ’bhi ac’ air, agus dòchas laidir ’us earbs a bhi ac’ as. Gach aon a sheallas air ais beagan, chi e gu bheil so fior ’ga thaobh na chaidh e fhein roimhe cheana anns an t-saoghal so. Is e mi-fhortan bu mhutha a thainig riamh oirnn a bhi ’cuir meirle as do leth-sa; do chuir am prìosan ’s an ceangalaichean, agus do dhiteadh gu bas; ’n uair a bha sinn le cheile a ’caoidh ’s a ’g osaich ann ad phriosan. Tionndaidh an trioblaid ud go ar math fhathasd; tha e soilleir ri fhaicinn domh-sa, cheana, gu’r e buannachd mhor dhinn a bh’ann! ’Nuair a roghnaich a Bhan-Iarl’ og thusa thar nan caileagan eile, ’s a dh’orduich i thu bhi ’frithealadh dhi, ’s a thug i dhut deiseachean riomhach, ’sa bha i deonach thu bi daonan faisg oirre, bha thusa ’smaointean, an uair sin, gu’n robh thu fior-fhortanach. Ach dh’ fhaodadh an onair, an t-socair, ’s am paillteas d’fhagail bòsdail, amaideach, luaineach agus saoghalta, agus ma dh’fhaote toirt ort Dia a dhiochuimhneachadh. Nochd Dia a chaoimhneas dhuinn leis a chuis atharrachadh, agus am mi-fhortan so a chur ’nar rathad. ’San trioblaid, ’s an bhochdainn, agus ’n ar n-allaban, thuair sin fiosrachadh is eolas na b’fhearr air Dia, agus cothrom air tigh’nn ni’s dluithe air. Anns an aite gharbh so dh’ullaich E aite fasgaidh dhutsa bho ana-caitheamh is truailleachd an t-saoghail. Ann an so dh’fhas thu suas mar na flùrain ’s an fhàsaich iomallaich, tearruinnte bho gach ni a dheanadh beud ort. Tionndaidh Easan, an Dia dileas agus gradhach, gach mi-fhortan fathasd gu ar buannachd. Bheir E—tha mi’n dochas gu’n d’fhuair m’urnaigh eisdeachd—do neochiontas an uachdar uair eigin, ged ma dh’fhaodte nach faigh mise de shaoghal na chi e; ach cha’n’ eil e gu diubhar, tha m’inntinn aig sith ’ga thaobh; oir tha fios is cinnt agam gu bheil thu neo-chiontach. Thig fortan ’us solas ’nad rathad uair eigin air sailibh nan trioblaidean sin; agus cuiridh tu seachad ioma latha subhach eadhon air an t-saoghal so fhathasd; ged nach eil fortan an t-saoghail so fior riatnach dhuinn, ’s ann am Flaitheanas amhain a gheibh sinn ar duais airson gach trioblaid shaoghalta, anns a’ ghloir sin nach gabh ruigheachd ach tre iomadh bron ’us annradh. “Na bi fo thrioblaid mhoir sam bith ged a bhiodh storas an t-saoghail air uairibh gann ort, agus cha’n eil reusan ’s am bith agad air a bhith fo mhoran curaim, oir tha gradh ro-mhor aig Dia ort. Tha curam aige dhiot nach treig; cho cruaidh ’s g am bi do chàradh air amanan, smaointich daonan gum beil thu anns a choir, ’s anns an aite ’s am freagarraiche duit, a dh’aindeoin cho truagh ’s cho mi-choltach ’s gam bi ’chuis. Creid gu ’m beil gach amhghair so riatnach go tighinn air aghairt ’am mathas, agus go righeachd Fhlaitheanas a chosnadh. “Mar a tha’n gàradair a cur gach plannt anns a h-uile doigh an fhearr a shaoileas e an tig iad air an aghaidh, ’s am fas iad suas, ’s ann mar sin tha Dia a cuir a h-uile duine os leth, ’s an t-saoghal so, anns an t-suidheachadh ’s am fearr a shaoileas E ’san tig e air aghaidh am ann mathas. “Agus mar a bha gach trioblaid ’us mi-fhortan tro’n deachaidh sin uige so, gu air buannachd, thig gu cinnteach mo thinneas agus mo bhas-sa gu bhith na ghnothuch a bha iomchuidh tachairt. “Mo dheagh leanabh, ’n uair tha mise ’toirt ainm a bhais, tha thusa ’bristeadh a mach le deoir as ùr! O na bi gal! Na seall air a bhas idir mar chuis eagail! Is e’ th’ann caraide, Leig leam-sa labhairt riut aon uair eile, mar is tric a rinn mu’n uair a bha sinn a’ g obair comhla ’sa gharadh. Tha cuimhn’ agad air na frasan a bha sinn a cur. Gu de cho lag! fann ’s a bha iad an toiseach, ann an aon spot beag cumhan. Cha robh sgial air na blaithean ’s air na measan leis am bitheadh iad, ann an uine, air an crùnadh. Na’m faigte iad daonan ’s an aite bheag, chumhan ud, cha tigeadh iad fo blàth a chaoidh. Ach n uair a chaidh an togail as an aite ’s’ an robhas ’ga mùchadh, ’s an cur ’an aite eile far an d’fhuair iad rùm is farsuingeachd, agus ’s an d’ fhuair a’ ghrian, a’ ghaoth, an dealta ’s an t-uisge ’gan ionnsaidh gus am beathachadh, thainig iad an sin fo bhlath. Bu mhor do thoileachadh ’nuair a chunnaic thu mise ’gam planntadh, cha’n e sin e uile, bha thu ’gam ghreasad gus an togail as an aite thais ’s an robh iad air an dumhlachadh; bu mhor do thoil-inntinn ’nuair a chunnaic thu iad air an cur as ùr, agus ’s ann a thubhairt thu: “Nach iad ’tha toilicht’ a nise! Saoilidh mi gu bheil mi ’ga aithneachadh orra mar tha.” ’Se planntain laga, truagha mar sin a th’annain ne mar an ceudna, agus is leaba chumhan, fhuar an saoghal so; air an talamh so cha’n eil annain ach planntan dubhach, diblidh, ach tha dachaigh ro-ghlormhor am feitheamh oirnn. ’An uine ghearr, bheir Dia leis sin gu tir eile, eadhon gu Flaitheanas, a gharadh mor, gloirmhoir fhein. “Na bi thusa gal mata, mo nighean ghaolach! an t-atharrachadh ’tha tighinn ormsa ’s ann gu feum! O, is mor an aobhar sholais leam a bhi ’dol go Dia! Nach math an gnothuch a bhi dealachadh ris a choluinn a choisinn duinn cho liuthad trioblaidean! Nach fios dhut-sa, ’Mhairi, a cho luithad sòlas do-labhraidh a bh’againn ’s a gharadh ’nuair a bhitheadh e tighinn fo bhlàth ’s an òg mhaduinn shamhraidh? Seall, ’s e Flaitheanas an garadh a’s maisiche, far am bi samhraidh gun chrich a’ riaghladh. Is ann do’n talamh aghoir so tha mis’ a nise ’dol. O cum thus’ ort daonan ’am mathas ’s am beannachadh, air chor ’s gu’n coinnich sinn a cheile ann fhathasd. Anns an t-saoghal so, chaidh sinn tromh mhoran trioblaid ’us annraidh comhla, agus bha ar dealachadh ro mhuladach. Ach ’s an ath shaoghal bithidh sinn comhla lan de sholas ’s de thoil-inntinn, agus cha teid air dealachadh a chaoidh. O! is mor mo thoileachadh ri bhi smaointean gun coinnich do mhathair an sud mi. O Mhairi, bi thusa daonan math, diadhaidh! Ach ged a bhitheadh gach cuis ’dol leat gu math ’s an t-sao ghal so, fiach nach diochuimhnich thu, am measg gach solas diomain so, an sòlas mairionnach sin a tha feitheamh oirnn ’am Flaitheanas! Thig an latha ’s an tig mise ’s do mhathair ad chionneamh, agus gabhaidh sinn a stigh comh-ruinn thu. Na bi gal, a ghràidh, ’s e aobhar thoileachaidh ’th’anns a’ chuis!” Mar so bha an t-athar diadhaidh a’ cur seachad nan làithean mu dheireadh dhe bheatha, a cuir misneachd ’s an nighinn, a bha e fagail leatha fein ’s an t-saoghal. Mar so rinn e h-uile ionnsaidh air a deanamh sabhailte o bhuairidhean an t-saoghail. Bha h-uile facal a thubhairt e mar shiol a tuiteam an talamh torach. “Tha mi cuir trioblaid ort, agus a toirt ort moran dheoir a shileadh,” theiradh e, ach ’s e deoir iomchuidh a th’ann. Gach ni theid a chur ’san doigh so, ’s e a’s docha friamhachadh agus fas gu math, mar a ni siol a theid a chur ri uisge blath an t-samhraidh.” (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. VII. (Air a leantuinn.) ’Nuair a leughadh an litir so dh’ aontaich iad nam measg féin gu’m b’ fhearr dhaibh geilleadh, agus na Gàeil a leigeadh a steach air chumhnanta gum biodh saibhreas a bhaile tèaruinte. Air an aobhar sin chuir iad teachdairean a mach ann an carbad gu Slateford ma ochd uairean, agus phill iad air an ais ma dheich le litir bho na Phrionns’, ag iarraidh orr’ a leigeadh a steach do’n bhaile le sìth, agus gu’n tugadh e ’ghealladh dhaibh gum biodh iad féin agus an cuid sàbhailt. Mu’n àm so chual’ uachdaranan a bhaile gum tàinig Seanaileir Cope le luingeas làn feachd’ gu Dunbarr, àite tha ma thuaiream seachd mile fichead air taobh sear a bhaile. Le so bha rùin orra Tearlach a chumail air ais le mealltaireachd gus an tigeadh an t-àrm-dearg ann am badabh nan Gàel, agus air an aobhar sin chuir iad an ath-theachdaireachd gu Tearlach a’g iarraidh air beagan dàlach a thoirt dhaibh, agus an sin gun leigeadh iad a steach e. Thuirt am Prionnsa riu gu’n d’ innis e dhaibh cheana, leis na h-uile dearbhachd a b’ urrainn e, nach robh e na rùin cron sam bith a dhean- [TD 59] [Vol. 9. No. 8. p. 3] amh air a bhaile, no dad dheth an cuid a thoirt uapa, ach a mheud sa’ bha dligheach dha fhaotainn mar oighre chrùin. Chuir e ’n ath bhairlinn gu muinntir a’ bhaile chum iad a ghabhail ris mar an tì sin, agus dh’iarradh air na teachdairean “a bhi dol.” Mu’n téid mi na’s faide air m’ aghaidh anns a’ chuid so de’n “Eachdraidh,” is feumail dhomh innse gun robh Dunéideann mu’n àm ud air a chuartachadh le balla ard daingean de chloich ’s do dh’aol, chum nàimhdean a chumail a mach ma àm cogaidh. Bha air bhalla so iomad geata ro laidir, air an deanamh de smior daraich a’s do dh’iarunn, air sheòl nach b’ fhurasd’ am bristeadh. ’Nuair a thuig iad gu’n tàinig na Gàeil fagus do’n bhaile chaidh na geatachan so a dhùnadh chum an cumail a mach; is cha mhò bha muinntir a bhaile féin a faighinn cead a dhol a mach no’ steach mar a b’ àbhaist dhaibh. Bha Tearlach ro iomganach rè na h-oidhche so, agus dhiùlt e dhol gu ’leabaidh, ach chaidil e sa’ chàmpa na bhreacan guaile mar rinn a chuid eile dheth na laoich churranta bha còladh ris. ’S e bu cheann-fàth ga iomgainn gu’n thuig e gu’n robh muinntir Dhunéideinn ri caithebhead air, agus gu’m be’n t-aobhar mu’n robh iad ag iarraidh dàil a chuir na leigeadh a steach, sùil a bhi aca ri cobhair a thighinn gu grad a thaobh eigin do’n ionnsaidh. Air an aobhar sin, dh’ òrduich e pàirtidh a dhol moch sa’ mhadainn a dh’fheuchainn am fàradh iad faighinn a steach do’n bhaile gun fhios. B’e na cinn-feachd a shònraicheadh gu sin a dheanamh; Loch-iall, Fear na Ceapaich, O’Suilibhan, agus Fear Aird-Seile. Dh’fhalbh na daoin’-uaisle so le naoi ceud dheth na gaisgeich bu treuna sa’ chàmp’ agus thug iad leo baraille fùdair a chùm a h-aon dheth na geatachan a spreidheadh nam b’e ’s nach faigheadh iad a staigh air sheòl eile. A nis a thaobh is gu’n robh fios aig na Gàeil nach b’urrainn iad an geat’ a spreadhadh suas gun chuid de mhuinntir a bhaile sgrios: agus a bhi do ghnà nan rùin gun a bheag a dhochann a dheanamh, araon air cuid no daoine, dh’ fheuch iad ri faighinn a steach le mealltaireachd agus a chum na crìche sin, chuir Loch-iall fear dheth a chuid daoine thun a gheat’ air éideadh ann an deise mharcachd agus curac-shéilg air a cheann chùm a chuir ás aithne. Chaidh iarraidh air a chantainn aig a gheata gum b’ e seirbheiseach aon de dh-oifigich nan trùpairean dearga, agus gun chuir a mhaighstir e air tòir rud a dh’ fhag e an di-chuimhn’ anns a bhaile.—Rinn an gille so mar dh’ iarradh air: ràinig e an geata, bhuail e bas-ri-crann, agus chuir e’n céill a theachdaireachd ann am Beurla! ach bha ’Bheurl’ aig mo laochan cho Gàelach ’s gun d’ aithnich luchd-gleidhidh a gheata gur mealltair a bh’ann. Dh’iarr iad air a bhi falbh a thiotadh air neo gu’n cuireadh iad peileir ann. ’Nuair a chunnaic na Gàeil gun deach an turas ud nan aghaidh, ’sa thòisich iad air beachdachadh ciod an doigh air an claghaicheadh iad fo aon de na geataichean, thainig an t-each ’san càrbad ma dheireadh a chaidh le teachdaireachd a dh’ionnsaidh a Phrionns’ as a bhaile nis air ais, agus dh’ fhosgladh an geata gu leigeil a staigh. Bha e ’nuair sin ma ghlasadh an latha, agus bha na Gàeil gun a bhi ro fhad air falbh. Cho luath sa chunnaic iad an geata fosgailt bhrùchd iad a staigh mun do thàradh a dhùnadh, bha’n freiceadan cho lag is nach do chuir iad a bheag a dh’éis air na Gàeil,—a chaidh air ball suas an t-sràid àrd le claidheamh rùist’ ann an dòrn gach laoich, agus thog iad iolach chaithream, ’mar bu ghnà leis na seana Ghàeil a dheanamh, an àm cosnadh na buaidh-làraich. Thog an iolach so muinntir a’ bhaile as an leapaichean “eadar shean a’s òg, ghruagach a’s bhréideach,” agus ann am priobadh nan sùl bha gach ceann a mach air na h-uineagan a’ coimhead nan Gàel. Rinn a chuid bu mhò dheth na bha do Ghàeil sa’ bhaile gàirdeachas mòr, ach bu sheachd mò an t-uabhas a ghlac a’ chuigse, ’nuair a chunnaic iad armailt nam breacan le’n armaibh nochd-ta a’ màrsail suas an t sràid “le’ fichead pìob mhòr,” a’ toirt air ballachan nan taighean freagairt do sgal nan seannsair, agus b’e am port a chluich iad:— “O! triallamaid gu Sliabh an t-Siorraim ’Chuir na Cuigs’ an ordugh.” Mar so mhàrsail iad suas an t-sràid àrd gus an d’ràinig iad an taigh-geaird, agus b’e’ chiad rud a rinn iad an sin na h-airm a thoirt dheth an luchd-freiceadain. Ràinig iad mar an cianda an luchd-freiceadain eile ann an caochladh àiteachan dheth na bhaile, agus chaidh Gàel ann an àite gach Goill a bh’air a gheard cho riaghailteach sa rachadh saighdearan eile bharr an fhreiceadain. ’Sa’ mhadainn an latha sin chaidh fear a mhuinntir a bhaile dh’ amharc an fhreiceadain, agus fhuair e fear dhe na Gàeil ’na shuidhe casa-gobhlach air aon dheth na gunnaidhean mòra agus a chlaidheamh rùiste na dhòrn. Air do’n Ghall fhaicinn gur e atharrach feachd a bh’ air geard, agus gun fhios aige, ’san àm, gun tainig feachd Thearlaich do’n bhaile, labhair e mar so ris a’ Ghàel ann am Beurla:—“Surely these are not the same troops which mounted guard yesterday!” Bha’n Gàel air son freagairt sgeigeil a thoirt do’n Ghall, agus ged nach robh aige ach an droch Bheurla chaidh aige air sin a dheanamh, agus so mar thubhairt e:—“O! no, she’s pe relieved.” Ged do ghlac na Gàeil am baile, bha ’n caisteal fathast gu’n a ghlacadh, agus beagan dheth na saighdearan ruadha ann mar fhreiceadan; ach cha b’ urrainn do na Gàeil a dhol an còir an daighnich so, a thaobh e bhi air a chuartachadh le gunnaidhean mòra, air an aobhar sin, chuir na Gàeil freiceadan air, chùm ’s nach b’ urrainn duine dol thuige no bhuaidhe, is cha mhò leigeadh iad biadh no deoch a dh’ionnsaidh nan saighdearan, a bha chòmhnaidh ann. CAIB. VIII. DOL A STEACH A’ PHRIONNSA DO DHUNEIDEANN. ’Nuair a fhuair am Prionnsa fios gu’n ghlacadh Dunéideann, air ball ghluais e-féin agus a’ chuid eile dheth an armailt a chum am baile ruidhinn, agus ged a bha’n t-astar so gearr, cha robh e idir saor bho chunnard. Chìte fathast a bhratach Shasunnach a snàmh sa’ ghaoith air bàbhainn a chaisteil, mar gum b’eadh, a’ toirt dùbhlan do na Gàeil a thighinn air an aghaidh na’m bu dàna daibh iad féin a nochdadh air lom fa-chomhair a ghunnaidhean, a bha comasach marbhadh a’s léirsrios a dheanamh air feadh àireamh mhiltean, timchioll a’ bhaile. Air an aobhar sin bu deacair slighe fhaotainn air an trialladh iad a dh’ ionnsaidh a bhaile, gun a bhi fo chunnard teine ’chaisteil; ach tharladh gun robh cuid de dhaoine ’s an fheachd a bha glè eòlach air suidheachadh na tìre mun cuairt do’n bhaile agus rinn iad lùim air a’ chunnard sin a sheachnadh. Le seòladh nan daoine so ghabh na Gàeil turas-timchill, air taobh na làimhe deise dheth na bhaile a’ cumail nan cnoc agus nan uchdan a tha iomadaidh mu’n cuairt Dhùnéideinn eadar iad ’s an caisteal. Mhàrsail iad air an t-shlighe so gus an tàinig iad a steach do Chroit-an-Rìgh fagus do dh-Iomair’ an t-Sagairt, air bearn a thug iad air a bhalla. Stad a mhòr-fheachd ma thra-nòine ann an Bog-an-t sealgair, gleannan domhain fasgathach a tha eadar Cathair-Airt a’s Creaganan Shalus-bòrgh. An sin mharcaich am Prionns’ air aghaidh, le Diùc Pheairt air a dheis, agus Morair Elecho air a thoisgeal. Bha na daoin’-uaisl’ eil’ a’ triall ’na dheigh. ’Nuair a ràinig e an leargan fo fhuaran-Naoimh Antoni, an sin chunnaic e ’n chiad shealladh de lùchairt rìoghail a shinnsir. Theirinn e bharr an eich agus stad e tacan ag amharc maise na h-aitreibh. M’an àm so bha na pàircean agus na liosan a bha eadar am Prionns’ agus an lùchairt air an lionadh de mhuinntir a bhaile, a’ chuala gu’n robh e gu thighinn a steach do Dhunéideann air an t-slighe so, agus bha iad fad’ an geall air sealladh dheth a Mhòrachd fhaicinn. Bha’n aiteam so dheth gach seòrsa sluaigh, iosal, a’s uasal, bochd a’s beartach, a’s dheth gach aidmheil; ach iadsan a mhain a rinn stri air tùs ri na Gàeil a chumail a mach, dh’fhan iad sin air an ais. ’Nuair a dhlù am Prionnsa ris a’ cho-thional so, thog iad caithream le iolach éibhinn, le crathadh bhiorraidean, a’s bhonaidean, a’s bualadh bhas! Tha fear dheth na chunnaic Tearlach air an latha ud a’ toirt a’ chunntais o air a choltas:—“Bha e fo ùr-bh[?]-òige, ard, foghainteach, ro chumadail, dealbhach, agus aogais mìleanta, farra-ghruag bhan air a cheann air a cìreadh gu clannach, caisreagach, sìos ga shlinnean: bha ghruaidhean ruiteach agus meanbh-bhuill de bhreac-sianain air aodainn; bha shùilean mòra, gòrma, ro thairis, tlà, a shròn cruinn agus àrd; a bhial beag do réir a chuid eile dheth aghaidh. Bha e ma thuaiream cùig troighean a’s deich òirleich a dh’ àirde, ’s e gu h-iomlan coltach ri duine laidir agus falain: bha mhuineal fada gu’n a bhi thar cùimse mar sin, gun dad ga chòmhdach ach stoc aimh-leathan sioda agus e ceangailt’ air a chùl le bucal airgeid. Bha bhonaid air a deanamh de bheilbheid ghùirm le crios òir ma timchioll agus suaithneas bàn de shròl geal na dos, bha cota-gearr breacain air agus reannag òir an crochadh ri thaobh; bha crios-guail’ air de shioda-gòrm air a ghréiseadh gu grinn boisgeil le òr finealt, agus claidheamh chinn airgeid na dhòrn. “Be ’m Prionnsa gu dearbha “leannan nam ban àluinn,” mar thuirt, Silis bhàn na Ceapaich ma Alasdair dubh Ghlinne-Garaidh. Cha robh baintighearn a chunnaic sealladh dheth nach d’aidich gum b’e fiùran cho deas sa’ chunnaic iad riamh. Bhòidich maighdeanan òg’ aig an robh leannanan, mu’n àm sin, nach tig an latha gheibheadh iad iadsan le còir bho’n Chléir, no air sheòl eile, mar a rachadh iad air tùs agus an dùrachd a thaisbeanadh, cho math ri’n treubhantas a dhearbhadh ’s an àroich maille ri Tearlach òg Stiùbhart. An deigh dha stad car tacain am measg a’ cho-chruinnichidh chaidh e air muin an eich agus mharcaich e gu mall a chum na lùchairt. An nis, a chuid de’n t-sluagh nach faca sealladh dheth roimhe sin fhuair iad cothrom air fhaicinn gu léir an uair a chaidh e na dhiallaid, agus rinn sgeamh a phearsa agus rìmhichead a dheise a leithid a dhrùghadh orra is gun do thog iad an ath ghàir éibhneis ga fhàilteachadh le furan gu aitreabh a shinnsir. Bha air gach taobh dheth mar bha e triall geard dubailt dheth na Gáeil bu sheine ’bha san fheachd. Bha cuid dheth mhuinntir a bha saoilsinn roimhe so, nach robh ann an Tearlach ach ceann-feadhna a bha treòrachadh buidheann de phràbar doirbh, aineolach, gun iochd, gun trocair, gun eagal Dhia no dhaoine, a chum àr-a-mach agus spuinneadh a dheanamh anns gach àit’ an tachradh iad, a nis air a mheas leo ann an caochladh barail,—mar oighre dligheach a chrùin air a thilgeadh a mach (Air a leantuinn air taobh 62.) [TD 60] [Vol. 9. No. 8. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh. agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OGUST 24, 1900. Litir a Priceville, Ontario. Fhir-deasachaidh:—Tha’n aimsir an deigh dhol seachad, ’s tha sin a’ cur ’nam chuimhne nach do sgriobh mi gu MAC-TALLA o chionn fhaide nan cian. Cha’n eil e furasda dhomh dheanamh am mach càite ’n tòisich mi, ach mu’n toir mi iomradh air ni sam bith eile, ni mi beagan a radh mu’n dòigh bu chòir dhuinn a bhi cleachdadh gus a’ Ghàilig a chumail suas. Ciamar a tha sinn a’ dol ’ga cumail suas? An ann le bhi sior chàineadh na Beurla ’sa cur sios oirre, ’sa sior mholadh na Gàilig sa toirt gach cliù a’s fhearr na chéile oirre. Cha’n ann idir. Tha mise, air aon, dhe’n bharail gur e so an aon dòigh a’s miosa ’s urrainn dhuinn a ghabhail. Ach ’se ’n dòigh a’s fhearr a th’ ann air a Ghailig a chumail suas a bhi ’ga cleachdadh. Tha moran anns an aite so aig am bheil gu leòr de Ghàilig, ach a tha caoin-shuarach mu bhi ’ga cumail suas. Ciamar a gheibhear iad sin ’san spiorad air son tuilleadh tlachd a gabhail de chainnt am mathar? Tha againn anns a’ bhaile bheag so Gàilig air a searmonachadh gach darra Sàbaid. Dh’fhaodadh an eaglais a bhi faisg air làn de mhuinntir na Gàilig, ach an àite sin cha bhi innte ach dusan no dha a h-uile latha bhios i ann. Ciod e is aobhar do’n chùis a bhi mar so? Tha mi creidsinn gu bheil moran dhe’n choire ri chur oirnne aig nach eil moran dhe’n Bheurla. Cha’n eil Beurla gu leòr againn air son searmon a thuigsinn air la na Sàbaid, ach tha gu leòr againn air son comhradh a dheanamh fad na seachduin. Agus ’nuair a thig Di-donaich, their sinn, “O! gu de feum dhòmhsa dhol a dh’éisdeachd Beurla; ’s fhearr dhomh gu mor fuireach aig an tigh ged nach bithinn ach a smocadh na pioba fad an latha. ’Nuair a chi an òigridh, a tha suarach gu leòr mu’n Ghàilig mar tha cho “rag mhuineallach” ’sa tha sinne aig nach eil Beurla mu bhi dol a dh’éisdeachd na Beurla, gabhaidh iad miothlachd, agus cha teid aon diubh a dh’ éisdeachd na Gàilig. Am missionari a tha soirbheachadh am measg nam fineacha fiadhaich, ’se cheud rud a ni e deanamh mar a ni iad fèin gus am faigh e mach gu bheil iad a’ gabhail tlachd dheth, agus an sin their e riutha a dhol suas do’n tigh-aoraidh comhla ris, agus gu leig e ris dhaibhsan cleachdaidhean a tha ’san dùthaich as an d’thainig esan. Mar so le gràdh tha e ’gan tarruinn dlùth ris féin, gus fa-dheoidh, am bheil iad air an iompachadh a dh’ionnsuidh a’ chreidimh Chriosduidh. A nis nach biodh e gle mhath dhuinne dol suas leis a mhuinntir so a tha deanamh dimeas air cainnt an dùthcha fèin a h-uile latha Sàbaid a dh’éisdeachd Beurla, agus mar sin bhitheamaid a’ càrnadh éilean teine air an cinn, agus ghabhadh iad nàire dhiubh fèin ’nuair a chitheadh iad seana Mhurchadh us Mairearad a bhean ’nan suidhe gu toilichte ag éisdeachd Beurla, agus nach tuigeadh iad ach gann “no” agus “yes.” Theireadh iad, “mo nàire ormsa, aig am bheil làn mo chinn de Ghàilig agus nach teid mi a dh’ éisdeachd aon fhacal dhi. A nis ma tha toil againn soirbheachadh, agus a bhi anns an spiorad ’s am bu chòir dhuinn a bhith, cha bhi sinn a’ fantuinn ’sna taighean ’nuair bu chòir dhuinn a bhi ’san eaglais, eadhon ged nach tuigeamaid a chainnt anns am bi ’n t-seirbheis a’ dol air adhart. Bidh sinn, a dh’ aon ni, a cur onair air an t seirbheis le ar làthaireachd. Faodaidh mi radh, o’n tha mi sgriobhadh, gu robh an aimsir gle mhath againn o’n thainig am mios so a stigh. Bidh am bàrr gu math goirid. Tha sinn ag obair air an fheur, agus tha e gu math aotrom. Bha fras mhor chlacha-meallain againn air an t-seachduin s’a chaidh. Bha mill dhi a tuiteam a bha bho leth òirleach gu da òirleach a dh’fhad. Cha’n fhacas a leithid riamh roimhe anns an àite so. Cha’n eil moran agam ri radh aig an àm so, agus le sin sguiridh mi. ’Nuair a theirigeas an gual, stadaidh an obair. Bidh mi a’ sgriobhadh a rithist an ùine gun bhi fada, agus bheir mi dhuibh na bhios de naigheachdan agam, ma bhios mi mar bu mhath leam a bhith. Slan leibh aig an àm so. Ur caraid, IAN MAC ’ILLEASBUIG. Iulaidh, 1900. Bha fear Iain Tobin air a mharbhadh air an rathad-iaruinn mu dha uair dheug oidhche Di-satharna s’a chaidh. Cha’n eil fhios air ni mu’n sgiorradh ach gu’n d’ fhuaireadh a chorp air an rathad mu dha uair ’sa mhaduinn, agus tha e coltach gur ann air a thurus dhachaidh a bha e ’nuair a chaidh a bhualadh leis a charbad. Bhuineadh e do St. John’s, Newfoundland, agus bha e sia bliadhna fichead a dh’ aois. F. H. REYNOLDS, ARD CHEANNAICH’-AODAICHEAN. South Charlotte St., - - - Sidni. Tha stoc de dh’ aodaichean Fhirionnach againn na’s motha na tha aig ceannaiche sam bith eile tha ’n Sidni. Tha sinn ’gan ceannach ’nan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta. Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5.00. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Arineis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 61] [Vol. 9. No. 8. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha na h-Eileanan Phillipeach lan de lobhair; tha 30,000 dhiubh ann, ’s gun cùram sam bith air a ghabhail dhiubh. Tha cuideachd an iarruinn, on thoisich iad air obair a’ s t-foghar s’a chaidh, an deigh ochd us tri chairteil millein dolair a chosg—faisg air tri millein dhe sin ann an tuarasdail. Chaidh “breac” a ghlacadh ann an Newfoundland, o chionn ghoirid, a bha tri troighean us ochd òirlich a dh’ fhad, oirleach air fhichead a ghairbhead, agus ceithir puinnd fhichead a chudthrom. Thainig tri cheud teaghlach de dh’ Iudhaich á Roumania do Chanada air an t-seachdain s’a chaidh. Tha iad gle bhochd, ach tha càirdean beairteach aca, a tha ’gan cuideachadh agus mar sin cha bhi iad ’nan uallach air an dùthaich; an ceann bliadhna no dha bidh iad làn chomasach air beolaind mhath a dheanamh anns an dùthaich so. Thainig duine ann an Chicago ri ’bheatha fhéin o chionn ghoirid air son gu faigheadh a bhean da mhile dolar de dh’ airgead-urrais a bh’ aige air a bheatha. Bha iad a’ cumail stor ann an cearna de’n bhaile, agus cha robh iad a’ faighinn air adhart gu ro-mhath agus bha esan fo chùram gu’n tigeadh iad gu bochduinn. ’Se sin a thug air crioch a chur air fhéin. Tha e air a radh gu’n do thairg Pol Crugar toirt suas do na Breatunnaich ’nan innseadh iad dha ciod a bha iad a’ dol a dheanamh ris. Tha “Oom Pol” gle mhath air a shon fhéin. Cha d’ thug e guth air an t-sluagh air an d’ thug e dhol a chogadh os a leth; cha’n iad a th’ air aire. Cho luath ’sa ghabh e ’n t-eagal gu robh Breatunn a dol a thoirt buaidh,chuir e tomhas mor òir air falbh dh’an Roinn-Eorpa, air a shon fhéin, agus a nise ’nuair a thatar ’ga chrothadh a stigh a lion beagan us beagan, cha’n ann a thaobh an t-sluaigh a tha cùram air ach dha thaobh fhéin. Tha mhòrachd ’s an uaisle bha cuid a dhaoine a’ faicinn ann an Crugar a sioladh air falbh. Thainig fios deireadh na seachdain s’a chaidh gu robh an t-arm Eòrpach an deigh Pekin, ceanna-bhaile Shina a ruigheachd, agus gu’n d’fhuaireadh na teachdairean sàbhailte. Fhuair an t-arm iomadh droch shàruchadh air an turus, agus gu tric bha iad an cunnart mor, ach fhuair iad air adhart na b’ fhearr na bhatar an dùil. Bha Ruiseanaich, Gearmailtich, Frangaich, Japanaich, Breatunnaich agus Geancaich anns an armailt. Tha e air innseadh nach robh a bhan-impire ri faotainn nuair a rainig iad Pekin; bha i air teicheadh, agus cha d’fhuaireadh sgeul oìrre fhathast. Tha i, gun teagamh, ’ga falach fhéin an cùil air choireigin air eagal gu’n dean na coigrich dioghaltas oirre air son na h aimhreit a bhrosnaich i suas anns an dùthaich. Tha Li Hung Chang a tairgse cumhachan sithe, ach cha ghabh na h-Eòrpaich gnothuch sam bith ris gus an dearbh e dhaibh gu bheil ùghdarras aige o riaghladh Shina sin a dheanamh, agus a reir coltais, cha’n urrainn dha dearbhadh sam bith dhe’n t-seorsa thoirt seachad. An ùine ghoirid, faodaidh muinntir siorrachdan Inbhirnis us Victoria labhairt ri muinntir a chinn so de’n eilean air an telephone. Bidh sin na dheisealachadh mor taobh air thaobh. Bha Sir Wilfrid Laurier ann an Sidni ’s an Sidni Tuath Di-haoine s’a chaidh. Bha coinneamh mhor anns gach baile, aig na chuir an luchd-riaghlaidh fàilte air os leth an t-sluaigh; agus aig ’n do liubhair e òraidean goirid ’g am freagairt Di-satharna bha e ann air Louisburg, far an robh pic-nic aig na mèinneadairean, agus labhair e an sin cuideachd. Feasgar Di-satharna chaidh e air adhart gu Halifacs. Bhuail da thrain ’na chéile faisg air Acarsaid Chloinn Fhionghain feasgar Di-luain s’a chaidh, agus bha’n da inneal agus àireamh de na carbaid air am bristeadh gu dona. Bha aon charbad luchdaichte le flùr, agus chaidh am flùr a chall gu h-iomlan. Fhuair an da sgioba iad fein a shabhaladh le leum gu làr mu’n do bhuail na carbaid na cheile. Thachair an sgiorradh air sàilleabh òrdugh cearr a chaidh a thoirt do aon de na conductors an àm dha bhi fagail an station. Bas Bean an Urr. Mr. Grannd. Air ann dara latha de’n mhios so, chaochail Ealasaid, bean an Urr. Alasdair Grannd, ann a Hogamah, ’si tri fichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Dh’àraicheadh i air an Eilean Mhor, an siorrachd Cheap Breatunn, agus bu phiuthar i do’n Dotair Mac Griogair a tha còmhnuidh ann an LaHave, an siorrachd Lunnenbnrg. Bha Maighstir Grannd ’na mhinistear aig Loch Ainslie fad cheithir bliadhna fichead, ach air dha tighinn gu seann aois, o chionn beagan bhliadhnaichean leig e dheth uallach paraiste, agus rinn iad an dachaidh ann a’ Hogamah. Agus bha a bhean an àireamh mhor bliadhnaichean sin comhla ruinn, ’s cha’n eil e mar ioghnadh ged bhiodh am paraiste so fo dhuilichinn air son a bàis, oir bha ionnadh co-chomunn taitneach againn. Bha i air leth ann an tuigse, ann an iochd, agus ann an caoimhneas ris na h-uile, agus mar sinn rinn i àite dhi féin ann an cridheachan an t-sluaigh a chumas i gu dearbh fad ar cuimhne. Lean mor shluagh as an da pharaiste an giùlain gu cladh Loch Ainslie, far an deach a h-annlacadh, agus far an robh tuilleadh dhe càirdean a’ feitheamh gus an sealladh mu dheireadh fhaicinn dh’ise d’an tug iad a leithid de spèis ’na beatha. Tha co-fhaireachduin aig an t-sluagh d’a companach a tha air fhàgail leis fhéin ’na sheann aois, ach tha e na chomh-fhurtachd dha gu’n bheil barrantas làidir aige nach robh ’sa bhàs dhi ach teachdaire sith, agus gu faod e a radh: “Fos tamull beag is ruigidh sinn An calla ait fa-dheòidh, ’S an coinnich sinn na sgaradh uainn, ’S cha dealaich sinn na’s mò. CARAID. Loch Ainslie, C. B. Aodaichean Deante SAOR AGUS MATH. Caiseart dhe gach Seorsa, Pris us Fasan, Truncaichean us Maileidean, dhe gach meud agus dath, agus iomadh ni eile. H. H. SUTHERLAND & CO. STOR SHAOR NA H-AON PHRISE SIDNI, - - C. B. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN, AIR an t-seachdain so a’ fosgladh Seomar Dhealbh ur os cionn stor Aonghais mhic Ghuaire. Bidh an Seomar Dhealbh so air aon cho math ’sa tha ann an Nobha Scotia. Tha gach dealbh a mithear ann dhe’n t-seòrsa ’s fhearr. Tha sinn a toirt cuireadh do na h-uile taghal a stigh a dh’fhaicinn sampuill dhe ar n-obair. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. Chuir Crugar a mach rabhadh do na Boerich iad a sheasamh am mach an agbaidh nam Breatunnach cho fad ’s is urrainn daibh. “Cha’n eil anns gach ceum a bheir sibh dh’ ionnsuidh ur dachaidhean,” ars esan, “ach ’g ur toirt na’s fhaisge air eilean St. Helena.” Di-satharna s’a chaidh, bha tigh Dhomhuill Mhic Gilleain, ann a Hogamah, air a bhualadh leis an dealanach, ’s air a mhilleadh gu mor. Bha beagan goirteachaidh air a dheanamh air duine no dithis de’n teaghlach. Bha an stoirm anabarrach trom fhad ’sa mhair i. [TD 62] [Vol. 9. No. 8. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 59). a dh’ainean á chòir rioghail, a feuchainn a nise ri cosnadh le cunnard a bheatha. Na ghallan òg maiseach, a theich a dùthaich choigrich agus a thilg e-fein ann an uchd nan ursannan catha bu dion da shinnsir bho shean an àm gàbhaidh,—Na fir a bha leis, a bhasa meas mas facas iad mar àmhlaran mi-chuanda, gun chumadh gun eireachdas: na’m meirleich bhradach agus nan luchd-spùinnidh—bhasa nise ga meas mar laochraidh sgiamhach, cholgail, choganta, leis nach bu diù cromadh an cuid chàich gun dioladh air a shon: agus mar a thubhairt sean Oisean “leis bu ghràin an lann a thruailleadh ann am fuil nam fann”—“Laoich mar osag an iuchair ri dàimh, ’mar lasair theine ri nàimh.” Siol nan treum a chog an aghaidh aintighearnas Shasuinn air son saoradh Alba, latha Allt-a-Bhonaich agus Raoin-Floden, &c. &c. ’Nuair a shuidh am Prionnsa sios ann an lùchairt a shinnsir—b’e chiad ni rinn na Gàeil, Righ Seumas éibheach na rìgh aig Crois a bhaile: fhuaradh na maoir da’m bu dreuchd a lethid so a ghairm éibheach, agus thug na Gàeil orra, ged a b’ann da’n aindeoin, gun do chuir iad umpa na deiseachan rìmheach bu chòir a bhi orra aig a lethid so de dh’ àm, agus thugadh air maighstir-sgoil a mhuinntir a’ bhaile, litir a leughadh ann an lathair an t-sluaidh, a ’toirt làn chòmhdach gum be Seumas Stiùbhart rìgh dligheach Bhreatuinn agus gum be Tearlach an t-oighre rìoghail a thigeadh na dhéigh. Bha anabharra sluaigh a làthair aig an àm so, agus na mnathan-uaisle bha coimhead ’s ag éisdeachd a mach air uinneagan na sràid’ àirde thòisich iad air sgaoileadh neapaigean geala sa’ ghaoith, le mìle glaodh éibhneis air son na chual iad; thaitinn rioghalachd nam ban suairce so cho math ris na Gàeil is gun loisg gach fear an urchair a bha na ghunna ri ard nan speur. An sin shéid iad suas gach pìob agus thòisich iad còladh air cluich a phuirt rioghail sin da’n ainm “Failt’ a Phrionns’ oig.” Feadh sa’ bha na piobairean mar so a’ cuir smùid dhiù thainig a bhain-tighearn’ àluinn iomraiteach Mrs. Muray, Broughton, da’n goirte sa’n àm sin “Sgathan-maise na h-Alba” air steud mharcachd agus dh’ fhan i aig taobh na croise na diallaid agus claidheamh rùiste na dòrn, agus a trusgan làn de bhabagan geala sioda mar onair ris an t-suaithneas bhan! (Ri leantuinn.) Tha coithional St Andrew’s anns a’ bhaile so a nise lethcheud bliadhna dh’aois, agus bha coinneamhan na h-iubili air an cumail Di-ciaduin s’a chaidh. Bha àireamh mhor sluaigh cruinn aig air da choinneimh, agus bha paipearan air an leughadh ’s òraidean air an liubhairt mu eachdraidh a choithionail agus mu shoirbheachadh na h-eaglais Chleirich air feadh Cheap Breatunn. Iadsan a Phaigh. Iain F. Smith, Fort Steele, B. C. Iain Mac-a-Phi, New Denver, B. C. Dr D. H. Domhnullach, Wellesford, N. B. Iain Mac Pheitris, Dawson, Alaska. Alasdair Mac Fhionghain, Boston. Mass. Ruairidh Mathanach, Provincetown, Mass. Padruig I. Mathanach, Graniteville, Vermont. Uisdean G. Caimbeal, Sycamore. Ills. Iain Mac-a-Bhiocair, Rescue, Mich. Ian MacCoinnich, Lunnuinn, Sasunn. E. Hepburn. Lunnuin, Sasunn. Iain G. Mac Aoidh. Lunnuinn, Sasunn. G. C. Mac Gille-mhaoil, Lunnuinn, Sasunn. A. Anderson. Lunnuinn, Sasunn. Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont. Callum Deora. Dunbheagain, Ont. D. Mac Gille-mhaoil, Dunbheagain, Ont. C. Mac Gill-fhinnein, Dunbheagain, Ont. Callum, Smith. Belfast, E. P. I. Iain R. Siosal, Acadia Mines. N. S. Iain Domhnullach Antigonish, N. S. Alasdair Mac-a-Phi, Loch Katrine, N. S. Bean R. Domhnullach. M. B. Road. R. H. Mac Coinnich, Sydney Forks. Murcha Mac Rath. Beinn Ghearrloch. Iain Mac Iomhair, Baddeck Bay. Seonaid Ros, Cul, Baddeck Bay. Aonghas Domhnullach, N. S. Boulardarie. Iain Mac-a-Bhiocair, Catalone. Mairi Nic Neill, Iona. Seumas C. Domhnullach, Iona. A. D. Mac Suinn. Glasacho. Seumas Mac Coinnich, Gleann a Phiobaire. N. D. Mac-a-Phi, Meinn Ghuail Mhabou. Dughall Mac Cuithein, Glace Bay Mhor. Domhull M. Ros, Forest Glen. Ruairidh Y. Mac Coinnich, Kingross. An t-Urr. I. W. Mac Isaic, Sidni. Michael M. Mac Neill, Sidni. Domhull Mac-a-Phearsain, Meinn a Tuath. Domhull Mac-a-Phi, Glen Morrison. Callum Mac Coinnich, Mira Gut. Peigidh Nic Gilleain, Cobh a Bheabheir. Tormad Mac Gille-mhicheil, Glace Bay. Domhull Mac Cuthais, Port Morien. Aonghas Friseal, Brook Village. Iain Seathach, Grand River. Ruairidh Mac Phaic, Loch Lomond. Domhull Mathanach, Carribou Marsh. Domhull Mac Gille-mhaoil, Aiseag Mhira. J. J. Mac-an-t-Saoir. Loch Ghabarus. Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba. L. Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree. Niall Mac Gilleain (Eildear Roseburn. Floiri Nic Amhlaidh, Catalone. D. I. Moireastan, Framboise. Fhuair cuideachd a ghuail, an la roimhe, ordugh o riaghladh Ruisia air son millean tunna guail, ri bhi air a chur air tir ann an Odessa, a tuath air a Mhuir Dhuibh. ’Se so an t-òrdugh is mhotha fhuair a chuideachd riamh; cha’n eil fhios fhathast co-dhiu a ghabhas iad os làimh e. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. The Scotish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Bi gabhail a MHAR-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 63] [Vol. 9. No. 8. p. 7] Oran do’n Chogadh. Ochion, a righ! nach robh mi cho fulangach ’S gu robh mi thall ann an camp a’ Bhulleirich, Far ’m beilar diùnnlaoich,—’s mo dhùrachd buinig dhaibh-- A’ cur nam Bùrach gu dùbhlan fuileachdach. Cha seas iad blàr mar ni nàmhaid chumanda; ’S ann ni iad liùgadh air chùl nan tullaichean, A’ losgadh fùdair gun smùid á gunnaichean; ’S tha faighinn dlùth dhaibh ’na chùis ro chunnartach. Ni Sasunn caoidh bho nach till a gleachdairean, ’S ni Eirinn bròn bho nach beò a gaisgich-sa, ’S bidh Albainn cràiteach m’an àireamh bhreacanach ’Tha sinte marbh ann an gainmheach Africa. ’S a dh’aindeoin bròin tha ar seòid a cruinneachadh A iomadh dùthaich le dùrachd uile-mhath Gu seirbheis dhileas do’n rioghachd urramaich; ’S ann aisde bhuain iad an cruas ’s an duinealas. Bidh dùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Citchener Le iomadh còirneal tha eòlach misneachdail Chithear a naimhdean gu teann ’g an crioslachadh ’Sa ruith gu luath mus bi ’uaigh gun chist ’aca. Tha Roberts thall—’s iomadh lann ’tha freasdal dha— ’Se feitheamh uair gu dol tuath nuair fhreagras dha; ’S thig bhar Phretoria srol ar n-eascairdean, ’S gu’m faicear suas bratach bhuadhor Bhreatunn ann. ’S bidh tusa ’Chrugair, a Bhùraich, toilichte Gum fàg Victoria beò gun chrochadh thu ’S gum faigh thu tim ann am priosan Bhonaparte Gu leughadh a Bhiobuill ’s gun dith air coffee ort. [Chuireadh an t-òran so mach anns an Oban Times, agus an t-ainm “Eileanach” fodha. Chaidh a’ chur gu MAC-TALLA le Seumas A. Mac Ille-mhaoil o chionn corr us da mhios, ach leis an drip anns an robh sinn aig an àm, chuir sinn dàil ’na chlothadh, agus dhearbh sinn firinn an t-seanfhacail, “far am bi dàil bidh dearmad.” Tha sinn an dòchas nach bi Seumas ag iomchair oirnn; b’olc an airidh e ar ni sam bith a chuireadh e gu MAC-TALLA bhi air a chumail air ais cho fada, agus tha dòchas againn nach bi sinn air ar faotainn anns a chionta cheudna tuilleadh.] [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN,IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies ’S mor àireamh na muinntir sin d’am bu chòir a bhi ’cuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil ga ’dheanamh sin. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN—A Sidni, 8.15, 10 p. m. A Sidni Tuath, 7.30 p. m., 9.15 p. m. DI-MAIRT GU DI-SATHARNA—A Sidni,7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. * TURSAN DIREACH. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London. Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. A. J. G. MACEACHUINN, FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. [TD 64] [Vol. 9. No. 8. p. 8] Eachdraidh Fhirinneach nan Caimbalach. Thainig na Cainbalaich bho Ghaidheal sgairteil do ’m b’ainm Duibhne, a rugadh mu’n bliadhna 1060. Rugadh Maolcalum, Gillecalum, no Calum, mac Dhuibhne, mu’n bliadhna 1090. Rugadh Gilleasbuig, mac Chaluim, mu’n bhliadhna 1120. Rugadh Donnachadh, mac Ghilleasbuig,mu’n bhliadhna 1150. Bha Donnachadh an seilbh air Lochodha is fearainn eile. Rugadh Dùghall, mac Dhonnachaidh, mu’n bhliadhna 1180. Is e “Dubgaill Cambel”, no Dùghall Caimbal, a theireadh sluagh ris. Is ann bhuaithe a thainig na Caimbalaich. B’e Dùghall mar so a cheud cheann-cinnidh a bh’aca mar Chaimbalaich. Is e Clann Duibhne a theirteadh riutha roimh linn Dhùghaill. Rugadh Gilleasbuig, mac Dhughaill, mu’n bhliadhna 1210. Tha e air ainmeachadh ann an leabhraichean-gnothaich na rioghachd an 1266. Rugadh Cailean Mor, mac Ghilleasbuig, mu’n bhliadhna 1240. Tha e air ainmeachadh an eachdraidh an 1292. Rugadh Sir Niall Caimbal, mac Chailein Mhóir, mu ’n bhliadhna 1270. Bha e pòsda da uair. Bha mac aige ris a cheud mhnaoi do ’m b’ainm Cailein. Bha mac aige ris an darna mnaoi—piuthar a Bhrusaich—do ’m b’ ainn Iain. Rinneadh Iain na iarla air Atholl, ach chaochail e gun mhac a thigeadh a staigh na ’aite. Bha Sir Niall aig Blàr Allt-a-Bhonnaich an 1314. B’e Cailein, mac Shir Neill, an ath thriath a bha air Lochodha. Fhuair Gilleasbuig Ruadh, mac Chailein, còir righ air a chuid fearainn an 1368. Fhuair Cailein Og, mac Ghilleasbuig Ruaidh, còir righ air fearainn an 1407. Bha Donnachadh an Aigh, mac Ghilleasbuig Ruaidh, na dhuine ainmeil ri latha fhéin. Phos e Mairearad, nighean Roib Stiubhairt, Diuc Albani, agus bha da mhac aige rithe, Gilleasbuig Ruadh agus Cailean Ghlinn-Urchaidh. Rinneadh morair dheth an 1445;chaochail e an 1453. Dh’eug Gilleasbuig Ruadh roimh ’athair. Dh’fhàg e mac do ’m b’ainm Cailein. Rinneadh iarla de Chailein an 1457. Bha na Caimbalaich an nis air am bonnaibh; ach cha lean mise an eachdraidh aca na ’s fhaide. Chaidh Fionn mac Cumhaill a mharbhadh mu’n bhliadhna 283. Dh’ fhàg Diarmad mac Dhuibhne no Diarmad an tuirc, an saoghal so beagan bhliadhnachan roimhe sin. Ann an leabhar sloinnteireachd na bliadhna 1467 cha’n fheil guth air a radh mu Dhiarmad. Tha Clann-Chailein, no na Caimbalaich, air an sloinneadh air ais gu Briotan, an fear o’n dàinig na Breatannaich, ach am measg an aithrichean cha’n fheil aon duine do ’m b’ ainn Diarmad. Rugadh an Duibhne bho’n dàinig na Caimbalaich mu ’n bhliadhna 1060. Rugadh Dùibhne, athair Dhiarmaid, mu’n bhliadhna 220. Tha e soilleir mar sin nach e an t-aon Duibhne a bha annta, mur dàinig a cheud Duibhne air ais o thir nan òg a thoirt greis eile air sealg anns an t-saoghal so. Cha’n fheil ann ach smior na h-amaideachd a bhith a cumail am mach gu’n dàinig na Caimbalaich bho Dhiarmad an tuirc. Cha chualas riamh roimh ’n bhliadhna 1400 gur h-ann bho Dhiarmad a shiolaich iad, agus ’s e ’s dòcha nach cualas cho trath sin e. Tha e air a radh gur h-e Donnachadh an Aigh a cheud Chaimbalach a ghabh ceann an tuirc mar shuaicheantas, agus a bharrachd air a sin tha e air a ràdh gur h-e a thug air a ghabhail gu’n do mharbh e-fhéin torc fiadhaich. Cha’n abairteadh sliochd Dhiarmaid no Siol Diarmaid ris na Caimbalaich anns an t-seann aimsir. Tha Iain Lom gan cagnadh gun sgur mar na Duibhnich; ach, ma’s math mo chuimhne, cha’n fheil e a labhairt umpa mar Shliochd Dhiarmaid ach ann an aon aite. Anns a bhliadhna 1669 sgriobh Seoras Mac-Coinnich, Iarla Chromba, leabhar anns an robh e a teagasg gu dainig Clann-Choinnich is Clann-Ghilleain bho Eirionnach cliuteach do’m b’ ainm Fitzgerald. An ceann fichead bliadhna an déidh sin bha gu leoir de Chloinn-Choinnich is de Chloinn-Ghilleain a bha a làn chreidsinn gur h-e fior Eirionnaich—ach Eirionnaich uasal—a bha annta fhéin. Cha’n fheil e duilich idir dearg bhreugan a chraobh-sgaoileadh mar eachdraidh fhirinnich. Is math a bha fios aig Mahomet air a sin; agus is ann da fhéin a b’ aithne a dheanamh. Creideadh na Caimbalaich an rud a fhreagras dhaibh féin; ach creididh mise gu’n dàinig iad bho Dhùghall mac Dhonnachaidh mhic Ghilleasbuig mhic Chaluim mhic Dhubhne. A. M. S. An ti a chòrdas ris gach neach, ti a bhios iuchair anns gach pasg dhi. Tha eòlas oirre fad us faisuinn, ’s cha chuir aon neach sios oirre. Union Blend Tea, 25, 30, 35 agus 40 sent am punnd. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29, 1900 1yr [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 65] [Vol. 9. No. 9. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 31, 1900. No. 9. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XII. BAS IACOIB. ’Nuair a chunnaic Màiri gu’n robh tinneas a h-athar a’ fas trom, dh’ fhalbh i gu Erlenbrunn—oir sin ’am paraisd’ ’san robh iad—agus dh’ innis i do ’n t-sagart gun robh a h-athair tinn Thainig an sagart—seann duine urramach—’ga choimhead gu tric, agus fhreasdail e air mar bu choir. Bhitheadh e mar an ceudna a’ cuir a h-uile misneach ann ’am Màiri. Ach, latha de na làithean, thug e fanear gu ’n robh Iacob air fas gle lag. Smaointich e gu ’n robh an t-àm a dheanamh ullamh air son a bhàis. Air an fheasgar sin fhein thug e da ’eisdeachd, agus an lath-ar-na-mhaireach ghabh e an comanachadh, le creideamh laidir agus deagh dhochas. Bha Màiri, i-fhein, ni bu shocraiche ’na h-inntinn as deigh so; oir a nise bha gach deisealachd, a bha a creideamh a’ cuir mu ’n coinneamh a dheanamh, air a choimhlionadh. Bha Iacob còir a nise ’teannadh air a chrìch. Bha fear an taighe ’s a bhean, aig an robh gradh ro-mhor dha mar charaide dileas, agus a bha ’toirt am beannachd air a latha ’chuir an rathad an taighe e, a’ deanamh gach cuideachaidh leis a b’ urrainn iad. Thigeadh iad a stigh ’ga choimhead fichead uair ’san latha ’sa dh’ fhoighneachd ciamar a bha e. Bhitheadh Màiri gu tric a’ foighneach:—“Saoil sibh nach d’ theid e am feobhas?” Fhreagair a bhean chòir i aon uair mar so: “Is gann gu seas e gus am bi na craobhan a tigh’nn fo dhuilleach. As deigh so bhitheadh Màiri a coimhead a mach troimh ’n uinneig air a ghàradh ’s i air chrith le cùram. Bu mhor a toileachadh, bliadhnachan eile, ri blaths an t-samhraidh ’s ri tighinn an duillich; ach bu chuiseagail leatha, am bliadhna, a bhi faicinn nam preasan ghròsaid a’ fas as ùr, nan gucag a tigh’nn air na craobhan, agus a’ cluinntinn ceol solasach nan eun. Tha fas na gealag-lair ’us brog-na-cuthaige ’toirt mulaid air a h-inntinn. “Mo Dhia,” thuirt i rithe fhein, “tha gach ni a’ teannadh ri fàs, agus tha ’n saoghal uile fo lan dhochas! Agus am beil m’ athair gradhach a’ dol a bhàsachadh gun dòchas? Cha ’n ann gun dochas,” thubhairt ise, ’s i ’sealltuinn suas ris na flaitheas. “Air reir facal ar Slanuighear, cha bhàs a th’ ann. Cha ’n ’eil e ach a cuir deth deise na duslaich, agus as deigh sin ’s ann a bhios aige beatha da rireadh.” Bha ’n seann duine còir deonach gu ’m biodh Màiri a leughadh dha. Bha i ris a sin le deagh dhùrachd agus le guth glan. Anns na laithibh mu dheireadh cha ’n eisdeadh e ri rud sam bith cho taitneach leis ris na facail agus ris an urnuigh mu dheireadh a labhair Iosa. Bha i, aon oidhche araid, leatha fhein mu ’n cuairt air; bha a’ ghealach a’ soillseachadh cho briagha troimh ’n uinneig ’s gu ’n robh i muchadh solus an lochrain bhig a bh’ air a bhòrd. “’Mhairi,” ars’ a h-athair, “leugh dhomh aon uair eile an urnuigh eireachdail aig Iosa.” Las i coinneal cheire agus leugh i dha an urnuigh. “Thoir dhomh fhein an leabhar a nis,” thuirt e, “agus cum an solus rium car tacain.” Rinn Màiri mar a dh’ iarr e. “Seall,” thuirt e, “’s i so an urnaigh ma dheireadh a ghabhas mise air do shon.” Chomharraich e an t-àite anns an leabhar agus rinn e urnaigh, le ’ghuth air chrith, ’ga cuir am buil dha fhein agus dha ’nighinn mar a leanas:— “’Athair, cha ’n ’eil m’ ùine fada ’san t-saoghal so tuilleadh, ach tha aice-se ri fuireach car tacain fhathast; tha mi dol, tha mi ’n dochas, g’ ad ionusuidh. ’Athair naoimh, bitheadh i fo stiuireadh t-ainme. Fhad ’sa bha mise comhla rithe rinn mi mo dhichioll air sin a dheanamh. Ach a nise tha mi dol ’gad ionnsuidh. Cha ’n e mo mhiann gu ’n d’ thugadh sibh i air falbh as an t-saoghal so, ach ’s e m’ achanaich gu ’n cumadh sibh i bho gach olc. Naomhaichidh sibh i ris an fhirinn. ’S e t-fhocal an fhirinn. Deonaich, Athair, gu ’n coisinn i an rioghachd sin ’tha duil agams’ a thoirt a mach. Amen.” Bha Mairi ’na seasamh aig bruaich na leapa, a caoidh, agus an coinneal air chrith na ’laimh, agus fhreagair i le guth tais, Amen. Lean a h-athair air bruidhinn rithe an ceann tacan uine mar so: “Chi sinn a nis Iosa anns a ghloir sin a thug Dia dha romh steidheachadh an t-saoghail, agus chi sinn fhein a cheile fhathast.” Leig e ’cheann sios air a’ chluasaig car tacain. Bha ’n leabhar aige fhathast ’na laimh. Is e ’n Tiomnadh Nuadh a bh’ ann. Cheannaich an duine bochd e leis na ciad pheighinnean a chuir e ma seach as deigh fhuadach air falbh á Ichburg. An ceann beagan uine labhair e rithe mar so: “’Mhairi, a ghràidh, tha mi toirt beannachd agus taing dhut uair eile airson a ghraidh a nochd thu dhomhsa ’n am thinneas dheireannach. Choimhlion thu am fainte gu firinneach agus le d’ uile chridhe. Creid mi, ’Mhàiri, theid gach cuis leat ’san t-saoghal so fhathast, ged tha mise ’gad fhagail bochd agus air bheag cuideachaidh. Cha ’n ’eil dad agam ri fhagail agad ach mo bheannachd agus an leabhar beag so. Cum thus air d’ aghaidh ’am mathas ’s an diadhachd, mo nighean ghaolach, agus cha bhi mo bheannachd diomhain. Tha beannachd athair, a tha cuir earbs’ an Dia, na ’s fhiachaile do chloinn mhath na ’n oighreachd a’s beartaiche. Gleidh an leabhar so mar chuimhneachan air t-athair. Cha do chosg e ach beagan pheithinnean; ach ma leughas tu e gu curamach, agus a sheolaidhean a leanailt, tha mi fagail agad, ge beag a chosg e, ionmhas ro-mhor. Ged a dh’ fhagainn agad barrachd de bhuinn oir ’sa tha de dhuilleagan air na craobhan, cha b’ urrainn duit leis a bheartas mhor sin gnothuch bu luachmhoire a cheannach. Tha facal Dé ann, agus tha de chumhachd aigesan na ni gach aon toilichte ma chreideas iad ann. Bi ’ga leughadh a h-uile maduinn, agus cha dean e diubhar de cho trang ’sa tha duine, faodaidh e ùine fhaighinn gus sin a dheanamh. Leugh, co-dhiu, aon earrann, agus cum ad chridhe e, ’s bi a meorachadh re an latha. Rud sam bith ann nach tuig thu, faighneachd dheth t-Athair spioradail e, mar a bhithinn-sa deanamh. Tha ’chuid a’s riatnaiche dheth soilleir ri thuigsinn do gach aon. Gabh suim dheth, lean ris agus cha bhi e gun bhuannachd dhuit. Gabh an earrann ud, “Cuimhnich lilis na machrach,” dh’ ionnsuich e barrachd gliocais dhomhsa ’sa fhuair mi anns a h-uile leabhar a leugh mi riamh as m’ oige. Bha seadh domhain na h-earrainn sin domhsa na fhreumh air mile sòlas gun chron, agus lion e mi iomadh uair le deagh mhisneach laidir ’n uair a bhithinn gu tric air mo bhristeadh sios leis a h-uile trioblaid ’us mi-fhortan a bha tigh’nn am rathad.” Mu thri uairean ’s a’ mhaduinn an lath-ar-na-mhaireach thuirt a h-athair: “’Mhairi, tha sac mor air mo chridhe, fosgail an uinneag beagan.” Rinn Màiri sin. Bha a’ ghealach air dol fodha, ach bha na rionnagan a soillseachadh le solus do-aithris. “Faic cho briagha ’sa tha na neamhan. Nach faoin gach fluran talmhaidh an coimeas ris na rionnagan nach treig! Sud an rathad a ghabhas mise! Is mor, mor mo thoileachadh ris! Cum thusa ort ’am mathas, los gu ’n coinnich sinne ’san dachaidh bhuan ud.” Leis na facail so leig e ’cheann an rithist ris a chluasaig, agus chaidil e gu samhach an sith. Shaoil le Màiri gu ’r e laigse thainig air, cha ’n fhac’ i duine riamh a fagail an t-saoghail. Cha robh duine a’ smaointean gu ’n robh am bas cho faisg air. Ach bha Màiri fo churam. Dhuisg i muinntir an taighe. Ann an tiota bha iad ri taobh leab’ a bhàis. ’Nuair a thuig Màiri gu ’n robh e gun teagamh marbh, ghlac i ’na lamhan e, phog i a ghruaidh thana, ghlas, agus shil a suilean gu frasach. “O, m’ athair gaolach, gradhach,” ars’ ise, le osna throm. “Cia mar a phaigheas mise sibh airson na rinn sibh air mo shon. Mile taing airson gach facal is teagasg a fhuair mi o na bilean tana, bana sin. Le mor thaingealachd cridhe tha mi ’pogadh na laimh fhuair, raig, a rinn na h-uiread de mhath air mo shon, agus an laithean m’ oige a chronaich cho curamach mi. Gus a so cha d’ thug mi fanear miad do ghaoil orm, agus a riatanas a bh’ agam air. O, taing, mile taing airson gach feum a rinn sibh domh, agus tha mi ’g iarraidh mathanais airson gach miothlach a chuir mi oirbh ’nuair a bha mi og, gorach. O, mo Dhia, thoir a dhuais da a nise am flaitheanas. O, nach b’ urrainn mise dol an drasda do fhlaitheanas as ur deigh. Deonaich, O mo Dhia, gu ’m bi mo bhàs-sa cho sitheil ri bas m’ athair. O, nach e neoni, ni 's lugha na ’n neoni an saoghal. Nach math an gnothuch dhuinne gu ’m bheil flaitheanas ann, agus beatha shiorruidh. Is e so bun mo dhòchais.” Cha robh sul thioram mu ’n cuairt; ma dheireadh, air comhairle bean an taighe, chaidh Màiri a mach as a’ [TD 66] [Vol. 9. No. 9. p. 2] rùm. Ach cha do ghabh i gu tamh an ath-oidhch’; rinn i faire air corp a h-athar, a leughadh ’s a ’g urnaigh agus a’ gal ma seach. Mu ’n deachaidh a chiste ’dhunadh, sheall i gu dian, aon uair eile ’an aodann a mhairbh. “Mo chreach,” ars’ ise, “so an uair mu dheireadh a sheallas mi ’n ur n-aodann. Is boidheach leam fhein e, le fhiamh gaire, mar gum biodh gathain solais na gloir tha gu tighinn a cheana a’ cluich mu’n cuairt air. Mo bheannachd, mo bheannachd leibh, ’athair ro-ghaolaich, gu ’m bu socrach a bhios ur leaba, agus tha mi ’n dochas gu ’r iad ainglean Dé a bhios a treorachadh ur n-anam gu ruige sòlas fhlaitheanais.” Rinn i pasgan boidheach air na flurs ròs-muire, brog-na-cuthaige is sail-chuaich, agus chuir i e an laimh cuirp a’ gharadair, a chuir ’s a ghluais na h-urrad dhiubh. “Bithidh na flurain so,” ars’ ise, “ceud fhas is torraidh an talmhainn air an earrach so, na ’n samhla air bhur n-aiseirigh, agus an ros-muire sior-uaine so na dhearbhadh gu ’m bi mo chuimhne oirbh gradhach agus mairionnach.” ’Nuair a bhathas a’ dunadh na ciste bha fuaim an uird air na tairnean a’ ruigheachd a cridhe, ionnus gu ’n robh i, cha mhor, a’ dol ’an laigse. Thug a bhean choir oirre dol a stigh do rùm eile, agus dh’ asluich i oirre i fhein a leigeal ’na sineadh air an leabaidh car tacain, gus an tigeadh i uice fhein. ’Nuair a dh’ fhalbh iad leis a ghiulain, bha Màiri beagan air deireadh air a’ chorp, air a sgeadachadh an deise dhuibh, a thug nighean chairdeil a bh’ anns a bhaile an iosad dhith. Bha i cho ban agus cho beag de ruthadh ri corp; agus bha a h-uile aon duilich airson an dilleachdain bhochd, a bha a nise gun athair, gun mhàthair. Chionn gum bu choigreach Iacob an Erlenbrunn, chaidh an uaigh aige fhosgladh an oisinn a’ chladha, ri taobh a’ bhalla. Bha da chraoibh mhoir ghiubhais, a dh’ fhas ri taobh a’ bhalla a’ tilgeadh dubhair oirre. Shearmonaich a sagart paraisde o bhriathran ar Slanuighear: “Gu firinneach, gu firinneach tha mi ’g radh ruibh, mar a bàsaich an silean cruithnichd, a tha tuiteam ’s an talamh.”— Eoin xii. 24. Dh’ innis e dhaibh mar a chuir an seann duine coir seachad a bheatha gu fiachail, beannaichte, agus mar a dh’ fhag e samhla math aig gach aon da ’m b’ aithn’ e Bha bhriathran a’ toirt misnich do ’n dilleachdan bhronach. Thug e taing, an ainm an fhir a dh’ fhalbh, do ’n t-sluagh bhlath-chridheach airson gach caoimhneas a nochd iad daibh, agus dh’ earalaich e orra a bhi mar athair ’s mar mhàthair do ’n nighinn bhochd a bha a nise air a fagail ’na dilleachdan. A h-uile Donach a rachadh Màiri do dh’ eaglais Erlenbrunn ruigeadh i uaigh a h-athair, agus rachadh i ’ga ionnsuidh ruith na seachdain cho tric ’s a b’ urrainn di. “Cha ghabh mi m’ urnaigh,” ars’ ise, “cho math an àite sam bith ’sa ghabhas mi ann an so, ’sa chladh. ’Nuair a tha mi ’an so tha ’n saoghal gle shuarach agam. Tha mi toirt fanear gu ’m bheil saoghal na ’s fhearr am feitheamh oirnn, agus tha fadal orm gu faighinn do ’n tir sin.” Cha d’ fhag i ’n uaigh uair sam bith gu ’n a h-inntinn a dheanamh suas air cul a chuir ri gach toileachadh breige saoghalta, agus a bhi cuir seachad an t-saoghail ’am mathas agus an cairdeas ri Dia, ann an dochas beannaichte a bhi rithist maille ri h-athair naomh aig beulaobh cathair Dhé. (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. IX. ULLACHADH CATHA AN AIRM DHEIRG. Am feadh a bha na Gàeil a’ gairm Rìgh Seumas na rìgh aig Crois Dhun-éideinn bha Iain Cope a’ cuir an airm-dhéirg air tìr aig Dunbarr far na chionnich iad na trùpairean a theich roimh na Gàeil á Dunéideann; dh’innis mi ann an àit’ eile de ’n Eachdraidh mar a theich na claghairean so gu Léibhte air a chiad sealladh a chunnaic iad de dh’ fheachd a Phrionnsa, ach is gann a sheas iad sa’ bhaile sin gus na ghlaodh balachan beag riu mar mhagadh—Thugaibh na Gaeil!” Cho luath sa chual iad so chuir iad an cuid each n-an cruinn-leum agus cha de lasaich iad eang gus an d’ ràinig iad Preston-Pans a bha ma chùig mìle ’n earra-dheas air Dunéideann. ’S gann “gun do tharruinn iad anail fir òrain” ’san ionad sin, gus an cual’ iad air leo—“Na Gaeil! na Gaeil!” air ball leum gach fear na dhiallaid, spuir iad an cuid each is cha do sheall iad as an deighe gus an d’ ràinig iad Beruig a Tuath. Air dhaibh a bhi nise fichead mìle bho Dhunéideann smaointich iad gu’m faodadh iad tearnadh bharr nan each, agus amharc mun cuairt daibh air son bìdhe, ’s iad air an claoidh le acras. Bha baide chaorach faisg air an àite anns na stad iad: thòisich iad air am marbhadh, air feannadh agus air cocaireachd, ach cha bu luaithe a bha ’n fheoil deas air son tòiseachadh air a h-ithe na thug cuidigin a chreidsinn orra gun robh na Gàeil am fradharc. Chaidh am t-eagal os-ceann an acrais, chaidh gach fear a rithist na dhiallaid, ach thuig iad air an àm so “gum bu mhios’ an t-eagal na ’n cogadh,” agus phill iad air an ais a dh’ithe na feòla. An deigh dhaibh an ciocras a shàsachadh rainig iad Dunbarr far na dh’ fhan iad gus an tàinig an t-arm-dearg gu tìr. Thug an aiteam a theich á Dunéideann, an latha mu’n tàinig am Prionnsa a steach, coinneamh do dh’ Iain Cope mar an cianda aig Dunbarr; agus dh’ fhan iad maille ris an arm-dhearg; cha’n ann mar luchd-cogaidh ach mar luchd-amhairc a’ bhlàir. Air an naoidheamh làtha diag de dharra mìos an Fhoghair, (b’ e sin an lathairne-mhàireach an deigh dhaibh a thighinn air tìr,) ghluais an t-arm dearg chum coinneamh a thoirt do na Gàeil. Tha’ e air aithris gum bu bhreagha bha iad ag amharc air a mhàrsail, na coisichean ’s na marcaichean a’ lionadh a rathaid mhòir fad ioma mìle de’n t-slighe. Chruinnich muinntir na dùthch’ ás gach ionad a dh’ fhaicinn na h-àrmailt a bha nise gu catha a chur air machair shìochail Loudai. Cha b’ fhada ’bha’n t-arm-dearg a triall mar so gus na phill Morair Loudon ceum air ais, agus ghlaodh e gu’n robh e faicinn nan Gàel a tighinn ’n-an codhail le treun choiseachd,—thuirt Iain Cope gum be bharail gu’n robh e nis’ air làraich mhath air an cinn agus gun deanadh e dìchioll air a cumail. CAIB. X. TURAS NAN GAEL GU SLIABH A CHLAMHAIN. Bha na Gàeil a nis’ an deigh trì laithean a’ chaitheamh ann an Dunéideann air dheagh chàraidh leis gach biadh a’s deoch a b’ fhearr na chéile, air chor is gun robh iad gu mòr air am beothachadh araon ann am pearsa ’s an inntinn. Air dhaibh a chluinntinn gun tàinig an t-arm-dearg air tìr aig Dunbarr, agus e nise’ bhi tighinn ’n-an codhail a chum catha, shonraich iad falbh air an ath mhadainn agus an codhlachadh ma leth na slighe. Dh’ fharraid am Prionnsa dheth na cinn-feadhna, cia mar a bha iad an dùil a ghnàthaicheadh na Gàeil iad féin ri aghaidh shaighdearan ionnsaichte? Dh’ iarr a’ chuid eile dheth na cinn-feadhna air Fear-na-Ceapaich a cheist sin a fhreagairt, a thaobh e bhi na oifigeach roimhe sin anns an àrm Fhràngach, agus mar an cianda, eolach air gnàths nan Gàel. Thuirt Fear-na-Ceapaich ris a Phrionnsa gun robh e dearbhta gun biodh na h-uaislean gun stad ann am buillsgean an nàmhaid agus gu’n faiceadh e nach biodh na h-ìslean fad’ air dheireadh. ’Nuair a chual’ am Prionnsa so thuirt e gum be e-fein a chiad fhearr a bhuaileadh an t-eas-caraid. Thuirt na cinn-feadhna nach biodh sin na ghniomh glice, gur ann na bheatha-sa mhàin a bha neart an aobhair na laidhe, agus na’n rachadh e-san a mharbhadh gun robh iadsan caillte, co dhiù choisneadh no nach coisneadh iad buaigh na teugbhail. Fa-dheòigh thuirt iad gu’m pilleadh iad gu léir dhachaigh na smuainicheadh e idir a dhol ri uchd gàbhaidh. Air madainn di-haoine air an fhicheadamh latha de dhara mìos an Fhoghair, am feadh a thòisich an t-àrm-dearg air màrsail á Haddington, ghluais na Gàeil á Diddingston, (baile beag a tha ma thuaiream mìle á Dunéideann,) a chum an codhlachadh, agus cha b’ fhad a chaidh iad air an aghaidh, ’nuair a thachair fear-siubhail riu a dh’innis daibh gun robh an t-àrm-dearg air Sliabh a’ Chlamhain agus a’ gleidheadh cothrom na bruthach air taobh deas an t-Sléibhe,—Thuirt Morair Scòras Moireach nach deanadh na Gàeil euchd san bith mar faigheadh iad os-ceann an nàmhaid, agus air ball dh’ òrduich e na Gàeil a dhol bharr an rathaid, agus ghearr iad aithghearra-talbhainn tro na rointean a thaobh na laimhe deise de’n t-slighe air an robh Morair Seòras tur eolach. ’Nuair a choisich iad tacan air aghaidh le sùrd ràinig iad mulach a’ bhearraidh fagus do’n Fhasaid. Mhàrsail iad an sin gu mall, gus an tàinig an fheachd a bha m’an àm so sgaoilte gu chéile. Thàinig iad a nise gu thuigsinn gun robh an t-arm-dearg air laraich-chatha cho math ’s bu mhiann leo: ghreas na Gàeil an sin air an aghaidh, agus mu chairteal na h-uarach thàinig an dà arm ann am fradharc a chéile. ’Nuair a chunnaic an t-àrm-dearg a chiad sealladh de dh’ armailt a’ Phrionnsa thog iad iolach àrd-labhrach mar sgeig air na Gàeil. Thog na Gàeil an cath-ghairm bu dual d’an sinnsir féin “an àm a dhol sios.” Bha ’n dà armailt’ a nis’ an imisg mìle d’a chéile agus lòn bog càthair eatara. Bha e mu’n àm so beagan thar mheadhon latha, agus an t-side anabharrach ann am fàbhar nan Gàel gu bualadh orra. Ach air cuid de mhuinntir na dùthcha cruinneachadh mu’n cuairt do’n Phrionns’ mar bu ghnà leo ’dheanamh anns gach àite, dh’ innis iad do na Gàeil, gun robh an lon a bha eadar iad san t-arm-dearg na shùilean-chrithich, agus nach faigheadh iad an còir nan Sasunnach gun chall anabarrach dhaoine an àm dhaibh a bhi gabhail tro’n lòn. Cho luath sa’ chiaraich an òidhche, ghluais na Gàeil gu taobh na h-airde ’n-iar far an robh iad an dùil a b’ fhasa dhaibh a dhol thar a’ bhoglaich. Stad iad ann an so agus shònraich iad bualadh air an àrm-dhearg ann an glasadh an latha. Anns an àite so shuain na Gàeil iad-féin ’n-an cuid breacanan féilidh agus chaidil iad an oidhche sin air na raointean as-bhuain. Rinn am Prionnsa féin, a bha cuir roimhe a dhol tro gach cruadal ’sa’n rachadh a dhaoine, a leabaidh air an talamh fhuair rè na h-òidhche sin. Cha robh leus sholuis ri fhaicinn, no guth r’a chluinntinn ann an càmp nan Gàel, a chum iad féin a chleth air ann àrm-dhearg. (Ri leantuinn.) Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. [TD 67] [Vol. 9. No. 9. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. I. Tha Persia ’na duthaich cho fior mhor ’s gu ’n robh na righrean a bha o shean a’ riaghladh thairis oirre a’ meas gu’n robh e reusanta dhaibh an t-ainm “Righ nan righrean” a ghabhail g’ an ionnsuidh fhein. Oir, a bharrachd air na rioghachdan a bha iad a’ ceannsachadh le cogadh, bha iomadh rioghachd agus mor-roinn eile ann a bha ’dioladh cise dhaibh, agus a bha gu buileach fo an riaghladh. Bha fear dhe na righrean so a bha ro chomharraichte, agus ro iomraiteach air son mar a fhuair e, ann an toiseach a rioghachaidh, buaidh air gach namhaid ris an d’ rinn e cogadh. Choisinn so dha sith agus fois mhor tre an robh o air a mheas mar righ cho sona ’s a bha air an talamh gu leir. Ann an aon ni bha e mi-fhortanach agus b’ e sin, nach robh mac aige. Ged a bha iomadh bean aige, mar a bh’ aig uile righrean na h-aird an ear anns an àm ud, cha d’ rugadh aon mhac dha; agus o ’n a bha e air fas ’na sheann duine bha eagal air nach biodh mac gu brath aige. Thog e taighean aoraidh agus taighean foghlum, agus thug e moran deirce do bhochdan na rioghachd ann an dochas gu ’m faigheadh e, trid an urnuighean, am fabhar o neamh a bha e cho mor a’ miannachadh, agus b ’e sin mac a bhith aige. Air latha araidh, mar bu ghnath leis fhein agus leis gach righ a bha air a’ chrun roimhe, bha uile mhaithean na rioghachd gu leir, agus na teachdairean lionmhor ’s na h-uaislean eile a thachair a bhith air chuairt anns a’ cheanna-bhaile, cruinn maile ris. Bha iad uile gu caoimhneil, comhraiteach a’ labhairt ri cheile mu ghnothaichean a bhuineadh do riaghladh na rioghachd, mu fhoghlum, mu eachdraidh, mu bhardachd, agus mu gach eolas agus fiosrachadh eile air am bu chleachdach le an leithidean a bhith ’labhairt. Air a’ cheart lath’ ud thainig cailteanach a dh’ innseadh do ’n righ gu ’n robh marsanta air tighinn a duthaich fad as gu ruige an luchairt, agus gu ’n robh boirionnach aige a bha e deònach a nochdadh dha. “Grad leig a steach e,” ars’ an rìgh, agus bruidhnidh mise ris cho luath ’s a sgaoileas an cruinneachadh.” Leigeadh a steach am marsanta do ’n talla anns an robh an righ agus na mor-uaislean cruinn, agus chuireadh ’na shuidhe e far an faiceadh e an righ, agus far an cluinneadh e aon chomhradh a bhiodh eadar e fhein ’s na h uaislean. B’ e so an doigh anns an robh an righ a’ gabhail ris a h-uile coigreach a thigeadh a dheanamh gnothaich ris, agus b’ e an t-aobhar bha aige air son so a dheanamh, a chum gu’m fasadh iad beag air bheag eolach air, air dhoigh agus an uair a chitheadh iad cho saorsnail ’s cho caoimhneil ’s a bhiodh e labhairt ris na h-uile, gu ’n gabhabh iad misneach gu labhairt ris fhein gun fhiamh gun eagal a dh’ aindeoin na moralachd agus a’ ghreadhnachais leis an robh e do ghnath air a chuartachadh. An uair a sgaoil an cruinneachadh ’s nach robh anns an talla ach am marsanta, leig e e-fhein ’na shineadh aig casan an righ, agus ghuidh e dha gach soirbheachadh bu mhiann leis. An uair a dh’ eirich e ’na sheasamh dh’ fheoraich an righ dheth an robh e fior gu ’n d’ thug e boirionnach og g’ a ionnsuidh, agus an robh i ’na boirionnach dreachar. “Le ’r cead, a righ,” ars’ am marsanta, “cha ’n eil teagamh nach ’eil mnathan ro mhaiseach aig bhur morachd, o ’n a tha sibh a’ sireadh air an son anns gach aite fo ’n ghrein. Ach gabhaidh mi orm fhein a radh, gun tuilleadh ’s a’ choir a mholadh a dheanamh oirre, nach fhaca sibh aon bhoirionnach riamh mu choinneamh bhur sul a bheireadh barr oirre ann an cumadh, ann am maise, ann an tuigse, agus ann am foghlum.” “Caite am bheil i?” ars’ an righ. “Thoir ’nam lathair i anns a’ mhionaid.” “Le ’r cead, a righ,” ars’ am marsanta, “thug mi i do aon dhe na h-ard-chaillteanaich, agus faodaidh sibh fios a chur oirre uair sam bith a thogras sibh.” Thugadh am boirionnach maiseach a steach gun dail; agus cha bu luaithe a sheall an righ oirre na chord a coltas anabarrach math ris. Ghrad chaidh e fhein agus am marsanta agus feadhainn dhe na caillteanaich a steach leatha do sheomar a bha faisge air laimh, agus an uair a thogadh an srol bhar a h-aghaidh ’s a sheall an righ oirre, dh’ aidich e nach fhaca e riamh mu chionneamh a dha shul aou bhoirionnach cho briagha rithe. Agus ghrad thuit e ann an trom ghaol oirre. Dh’ fheoraich e dhe ’n mharsanta ciod a bhiodh e ag iarraidh oirre. “Le ’r cead, a righ,” ars’ am marsanta, “thug mise mile bonn oir oirre an uair a cheannaich mi i; agus tha mi ’smaointean gu’n do chosg mi faisge air uiread eile rithe fad nan tri bliadhna a thug mi air an rathad a’ tighinn an so. Ach cha ’n ’eil mi deonach dad sam bith a ghabhail air a son o righ mor cumhachdach mar a tha sibhse; agus air an aobhar sin, ma tha i ’cordadh ribh, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu ’n gabh sibh uam i mar thiodhlac.” “Tha mi anabarrach fada ’na do chomain,” ars’ an righ; “ach cha robh e riamh mar chleachdadh agam a bhith ’deanamh gnothaich ri marsantan anns an doigh neo-fhialaidh sin an uair a thigeadh iad an so a chum toileachadh a thoirt dhomh. Tha mi ’dol a dh’ ordachadh deich mile bonn oir a thoirt dhut air a son. Am bi sin gu leor?” “Mo thighearna,” fhreagair am marsanta, “bhithinn ’g am mheas fhein gle shona na’n gabhadh sibh uam a nasgaidh i, ach cha dana leam tairgse cho fialaidh sin a dhiultadh. Cha dean mi dearmad air bhur fialaidheachd a dheanamh aithnichte ’nam dhuthaich fhein, agus anns gach duthaich eile do ’n teid mi.” Phaigheadh an t-or dha gun dail, agus mu ’n d’ fhalbh e thug an righ dha mar ghean-math deise a bha anabarrach riomhach. Dh’ ordaich an righ am boirionnach maiseach a chur ann an seomar cho math ’s a bh’ anns an luchairt, agus dh’ ordaich e do na mnathan-coimhideachd agus do na searbhantan a bha gu bhith ’frithealadh dhi, an deigh dhaibh a faragadh, an trusgan cho riomhach ’s a gheibheadh iad a chur uimpe, agus na seudan bu mhaisiche ’s bu luachmhoire a bh’ anns an luchairt a thoirt g’ a h-ionnsuidh a chum gu ’n taghadh i asda an fheadhainn a b’ fhearr a chordadh rithe. Bha ioghnadh gu leor air na mnathan-coimhideachd an uair a chunnaic iad cho maisneach ’s a bha i; agus o ’n a bha iad deonach a h-uile toileachadh a thoirt do ’n righ, thuirt iad ris gu ’n gabhadh iad os laimh a deanamh moran na bu mhaisiche na bha i na ’m fagadh e tri latha aca i. Bha leithid de thlachd aig an righ dhi ’s nach robh e an toiseach deonach a leigeadh as a shealladh; ach mu dheireadh dh’ aontaich e an comhairle a ghabhail air chumhnanta gu ’n deanadh iad mar a gheall iad. Bha cenana-bhaile na rioghachd air a thogail air eilean, agus bha ’n luchairt air bruaich a’ chladaich. Bha seomar an righ agus seomar a’ bhoirionnaich oig cho dluth air a’ mhuir ’s gu ’m biodh na tonnan a’ bualadh ri bonn a’ bhalla, agus bha ’n sealladh a bha o na h-uinneagan anabarrach briagha. An ceann nan tri latha bha ’m boirionnach og, agus i ann an trusgan anabarrach eireachdail ’na suidhe air langsaid anns an t-seomar agus a h-uilean air bonn na h-uinneig a bha air taobh na mara dhe ’n t-seomar. Chaidh an righ a steach a bhruidhinn rithe. An uair a chual’ i fuaim a chas air an urlar, thionndaidh i a ceann a dh-fhaicinn co bh’ ann. Dh’ aithnich i gu ’m b’ e an righ a bh’ ann; ach an aite eirigh ’na seasamh gu failte a chur air agus urram a thoirt dha mar bu ghnath le te dhe ’seorsa a dheanamh, is arm a dh’ fhuirich i ’na suidhe far an robh i agus thionndaidh i a h-aghaidh a rithist ris an uinneig. Ghabh an righ ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic e gu ’n robh boirionnach cho maiseach rithe cho fior aineolach air mar bu choir dhi i fhein a ghluasad. Bha e ’smaointean gur e cion ’s nach d’fhuair i fiosrachadh is foghlum gu leor a dh’ fhag cho fad air a h-ais i. Chaidh e far an robh i aig an uinneig, agus a dh’ aindeoin cho coltach ’s a bha i ri bhith coma dheth an uair a chaidh e steach do ’n t-seomar, leig i leis a moladh, a cniodachadh, agus breith oirre ’na ghairdeanan, cho math ’s a thogradh e. An uair a bha e mar so a’ nochdadh a chaoimhneis agus a ghraidh dhi, bha e gu geur a’ beachdachadh oirre, agus thuirt e. “Mo bhan-dia! m’ aingeal! mo rùn! Co as a thainig tu! Agus c’aite am bheil na parantan sona a’ fuireach a chuir maighdeann cho maiseach riut a dh’ ionnsuidh an t-saoghail? Ah! is mor an gaol a th’ agam ort, agus bidh gaol agam ort ri mo bheo. Cha robh uiread de ghaol agam air boirionnach riamh. Agus ged a tha mi a’ faicinn moran de bhoirionnaich bhriagha a h-uile latha, cha do mhothaich mi uiread de mhaise ann an aon bhoirionnach ’s tha mi ’faicinn annadsa. Tha leithid de ghaol agam ort ’s nach teid thu mionaid as m’ aire ri mo bheo. A ghraidh mo chridhe, cha’n ’eil thu’toirt freagairt dhomh,agus cha mho a tha thu ’toirt an dearbhaidh a’s lugha dhomh gu ’m bheil thu mothachail air meud a’ ghaoil a tha agam ort. Agus cha mho a sheallas tu orm a chum gu ’n tuig thu gu’m bheil e neo-chomasach dhomh am barrachd gaoil a bhith agam ort. C’ar son nach ’eil thu bruidhinn rium? Tha thu ’toirt mo mhisnich uam. Ciod a tha ’toirt ort a bhith cho trom-inntinneach ’s cho bronach ’s a tha thu? An ann a’ caoidh do dhuthchadh, do chairdean ’s do luchd-eolais a tha thu? Ochan! nach ’eil righ Phersia aig am bheil gaol cho mor ort comasach air comhfhurtachd a thoirt dhut, agus aon chall a dh’ fhuiling thu a chur ’na aite fhein?” (Ri leantuinn.) C’AITE ’M FAIGHEAR SONAS? Naigheachd Eirionnach. (AIR A H-AITHRIS LE “FIONN.”) Bliadhna bha siud, anns na linntean a dh’fhalbh, thuit do Mhac Gille Phàdruig ann an Eirinn a bhi tinn. Bha e fo leanndubh is mulad, ’s cha robh do sgil an Eirinn na dheanadh feum dha. Thuit gu’n thàinig an rathad fear-turais, agus chaidh innseadh dha gu’n robh Mac Gille Phàdruig ris a’ bhàs, agus ciod a bha cur air. “Ma ta,” arsa Eóghan a’ Chnuic, oir b’e sin ainm an fhir thurais, “tha fhios agamsa ciod a ni feum dha, agus ma ghabhas e faotainn anns a’ cheàrna so de dh’ Eirinn, cha bhi fada gus am bi Mac Gille Phàdruig air a’ chasaibh gu luath, làidir, ’s cho sunndach cheòlmhor ri aon tàillear a chunnaic sibh riamh.” Chaidh Eoghan a’ (Air a leantuinn air taobh 70.) [TD 68] [Vol. 9. No. 9. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh. agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OGUST 31, 1900. LITIR A CEAP NOR. The e coltach gu bheil aire dhaoine air a tarruing gu mor o’n chogadh a tha eadar Breatuinn agus Baothairean (Boers) Africa, leis an troimhe-cheile tha air a bhi ann an Sina o chionn beagan sheachduinean. O’n tha àireamh cho mor de rioghachdan cumhachdach air a dhol an sàs ’san ard-uachdaranachd ana-Criosdail ud, agus sin le deadh aobhar, tha sinn an dochas gu ’n teid crioch air a chogadh sin gu h-aithghearr ann an doigh a bhios buannachdail do ’n t-saoghal gu leir. Is iongantach da rireadh an taobh a th’ aig àireamh mhor de shluagh an t-saoghail ri Baothairean Africa, ’n uair tha e cho furasda fhaicinn gur iad fhein a tha ri ’n coireachadh air son a chogaidh a tha eadar iad fein agus Breatuinn. Tha e soilleir gu ’n d’ rinn Breatuinn a h-uile dhichioll a chum na cuisean a bha eatorra a cheartachadh gun a dhol gu cogadh idir; ach ged bha ’m bodach riasgail, Crugeir, a leigeil air gu ’m bu mhath leis fhein a ni ceudna dheanamh, cha robh dad ’na bheachd dheth. ’S ann a bha e ’g ullachadh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, cha ’n ann a mhàin a chum an Transbhaal a dhion, ach gu h-àraidh a chum Breatuinn a sgaradh o cuid fearainn agus a còirichean Africanach gu buileach. Bha e cho laidir ’s an t-seorsa creidimh a bh’ aige ’s gu ’n robh e ’ga shaoilsinn fein lan chinnteach gu ’n rachadh aige air sin a dheanamh gun taing dhi. Ged is math a rachadh aig Breatuinn air a cheannsachadh gun chomhnadh sam bith, is math a rinn Canada agus cuid dheth na colonies eile, cuideachdan de shaighdearan dileas a chur a null do ’n Transbhaal a chum an nàmhaid an-iochdmhor a cheannsachadh. Tha iad sin air a bhi nochdadh an gaisgealachd aig iomadh àm ri uchd catha; agus tha iad a faotainn cliu nach faoin o’n t Seanalair Roberts agus o chuid dhe na h-oifigich a tha fodh ’ughdarras. Ged nochd na saighdearan ud an dilseachd do Bhreatuinn ann an doigh a tha cho follaiseach do ’n t-saoghal uile, dh’ fhag iad miltean as an deigh nach ’eil dad air deireadh orra. Is ann dhiubh sin an Gaidheal dileas mu ’m bheil mi dol a sgriobhadh an sgeula beag a leanas:— ’S e ’s ainm dha Domhnull. Tha e gabhail comhnuidh an cearn eile de Cheap Breatunn, fad as o’n aite so. Tha e ’na mhaor eisg air abhuinn no air loch araidh; agus tha e air aithris air dha bhi aon la air a thurus le each ’us carbad, a dol a dh’ iarraidh pàirt dhe thuarasdal, gu ’n thachair maor eile ris do ’n ainm Iain. Bhuail e ’n ceann Iain gur ann a b’ fhearr dha fein an cothrom a ghabhail air a dhol air an aon cheann gnothaich maille ri Domhnull. Bha Domhnull fior thoileach air e dhol maille ris anns a charbad, agus cha robh iad fada cuideachd ’n uair thoisich iad ri deasbaireachd mu chogadh Africa. Bha Iain a seasamh air taobh nam Baothairean, agus Domhnull, mar a bhuineadh dha, a seasamh gu duineil air taobh Bhreatuinn. Bhuanaich iad air deasbaireachd mar sin gus an d’ rainig iad tigh Iain. O’n bha toil aig Iain e fein a sgeadachadh le deise a b’ fhearr na ’n te bha uime, bha Domhnull toileach dol a stigh maille ris agus feitheamh gus am biodh e deiseal; ach mar ’s minic a thachair, cha robh a chuidhle fada gun tionndadh rathad eile. Bhuanaich iad air deasbaireachd mu ’n chogadh an deigh dhoibh dol a stigh, gus an d’ rinn Domhnull iomradh air na saighdearan a chaidh a null á Canada do ’n Transbhaal, ag radh gu ’n robh prois air airson an dilseachd do Bhreatuinn, airson an treubhantais ri uchd catha, &c. B’e am freagradh a thug Iain air, gu ’n robh e ’n dochas nach tilleadh duine beo dhiubh. Bha sid barrachd ’s a b’ urrainn nadur Dhomhnuill giulan leis; agus ged tha e air fas aosda, air a bhonnan bha e, ’s thug e dorn do dh’ Iain le uile neart, ’ga shineadh air an urlar, agus thug e ’n sin an dorus air, ag radh, “Sin agad. Cha teid cas dhiot ni ’s fhaide leamsa ’nam charbad an diugh.” O sgriobh mi pairt dhe ’n litir so dh’ eug dithis de mhuinntir an aite so. B’i aon dhiubh Catriona, nighean Alasdair ’Ic Leòid, aig a Chnoc Chruinn. Dh’ eug i aig Sidni Tuath air an t-siathamh la deug de ’n mhios so. An ceann aon uair a thìm an deigh a’ bàis-se, dh’ eug bean Aonghais ’Ic-a-Phearsain, ’s an Acarsaid a Deas. Bha iad le cheile nan lan bhuill ’s an eaglais Chleirich. Tha ’n aimsir air a bhi gle mhi-fhreagarrach air son deanamh an fheoir, agus mar sin cha d’ fhuair sinn adhartas sam bith a dheanamh air ’san àite so fhathast. Tha ’m feur, tha mi ’m barail, a cheart cho math ’s a bha e ’n uiridh; ach mur fas an t-sìde tioram gu h-aithghearr bidh moran dhe na tha gearrte air a mhilleadh gu buileach. M. D. Ceap Nor, Ogust 24. F. H. REYNOLDS, ARD CHEANNAICH’-AODAICHEAN. South Charlotte St., - - - Sidni. Tha stoc de dh’ aodaichean Fhirionnach againn na’s motha na tha aig ceannaiche sam bith eile tha ’n Sidni. Tha sinn ’gan ceannach ’nan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta. Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5.00. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Arineis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 69] [Vol. 9. No. 9. p. 5] NAIGHEACHDAN. Cha ’n eil cuideachd a’ ghuail a’ dol a ghabhail an òrduigh a fhuair iad o’n riaghladh Ruiseanach. Leis gach òrdugh eile tha aca, cha bhiodh e comasach dhaibh tomhas cho mor de ghual a chur am mach. Thug an Riaghladh Breatunnach seachad òrdugh ann an Cuebec o chionn ghoirid air son fichead mile paidhir bhròg agus fichead mile paidhir shocsaichean, dha na saighdearan, a cheud òrdugh dhe’n t-seòrsa a thugadh seachad ann an Canada riamh. Chaidh Bresci, am fear a mhort righ Humbert, fhaotainn ciontach, agus bha e air a dhiteadh gu bheatha chur seachad anns an tigh-obrach. A reir lagh na h-Eadailte, cha ’n urrainnear duine chur gu bàs air son mort, agus mar sin b’e tigh-obrach ri bheò a’ pheanaist bu mhotha ghabhadh cur air. Chaidh duine ghabhail dh’ an arm ann am Breatunn o chionn ghoirid a bha tri fichead us da bhliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e fad ochd bliadhna fichead annns an Reiseamaid Dhuibh ’s an reiseamaidean Gaidhealach eile. Tha sianar mhac aige ’san arm, ’s ceathrar dhiubh sin ann an Africa aig an àm so a’ cogadh an aghaidh nam Boereach. ’Nuair a thoisich cogadh an Transbhaal, dh’fhalbh àireamh mhath de dh’ Eirionnaich as na Stàidean air son a dhol a chogadh air taobh nam Boereach. Chaidh a chuid bu mhotha dhiubh sin a ghlacadh leis na Breatunnaich mu’n robh ’n cogadh thairis, agus tha iad a nise air am fògradh ga Ceylon. Na’m b’e ’n de an diugh cha robh iad air na Staidean fhàgail. O’n thòisich an cogadh ann an Africa mu Dheas, cha d’rinneadh ach fior bheagan tuathanachais, agus a nise tha ’m biadh a’ fàs gann, agus cha’n eil aig an t-sluagh gus an cumail beò ach na theid a chur g’ an ionnsuidh á Breatunn ’s á dùthchannan eile. Ach ’s cinnteach gu’n bi gu leòr air a chur g’an ionnsuidh agus mar sin nach bi cunnart sam bith gu ’n éirich gorta ’nam measg. Thairg Mr. Whitney, an uiridh, coig mile fichead dolair a thoirt mar chuideachadh air son togail ospadail ann an Sidni, ach cha ’n fhaca luchd-riaghlaidh a’ bhaile an t-slighe reidh gu dhol air adhart leis an togalach. Tha cuideachd an iaruinn a nise ’dol a thogail ospadail air an cosdas fhéin. Bidh rùm do dha fhichead leab’ ann, agus bidh e air a chur anns an ordugh a’s fhearr. Tha e ri bhi air a shuidheachadh ann an Colby. Tha cuisean ann an Sina car mar a bha iad. Tha ’n t-arm Eòrpach ann am Pekin ’s an seilbh air an lùchairt rioghail, ach cha d’ rinneadh moran fhathast a chum sith aiseag do ’n dùthaich. Tha na rioghachdan aig am bheil làmh ’sa ghnothuch car amharusach a thaobh a cheile, agus mar sin cha ’n eil e cho soirbh adhartas a dheanamh. Tha e ’fàs coltach gu feum iad deiligeadh ri Li Hung Chang an deigh a h-uile rud, oir ’se an aon neach ann an Sina a tha ’gabhail air fhéin a bhi comasach air cumhachan sithe a dheanamh. Chaidh còrr us tri mile acaire de dh’fhearann fo bhàrr a thur mhilleadh le cloich-mheallain ann an Glendale, an ceann a tuath Mhanitoba. Bha am bàrr anabarrach gealltanach anns an sgire sin, agus tha an call gle mhor. Chaidh fhaotainn am mach gu ’n d’rinneadh na h-ais-innleachdan air son mort righ Humbert na h-Eadailte suas am measg Eadailteach anns na Stàidean. Tha riaghladh na h-Eadailte nise ’n deigh coig duine deug a chum a nall do New York gu bhi ’nan detectives, a’ cumail sùil air dol air adhart na muinntir air an cuir iad amharus. Tha uisgeachan matha ’sileadh anns na h-Innsean an dràsda, tha am bàrr a tigh’nn air adhart gu math, agus an ùine ghoirid theid aig an t-sluagh air a bhi tigh’nn beò air na tha fàs dhaibh san dùthaich. Tha an àireamh d’an robhas a’ toirt cuideachadh bidh a cheana ’dol na’s lugha gach latha ach tha còrr us coig milleanan a’ faotainn na déirce fhathast. Tha cuideachd an iaruinn an deigh fearainn aoil a cheannach air a Bheinn a Tuath, faisg air a’ Bhagh an Iar. Dh’ fhosgail iad quarries aig Abhuinn Sheorais an toiseach, ach cha robh uiread aoil an sin ’sa bha dhith orra. Bidh eadar ceud gu leth us da cheud duine ag obair aig a Bheinn a Tuath, agus cuiridh iad sin a mach mu leth cheud mile tunna de chloich aoil na h-uile bliadhna. Chaidh fear Alasdair Mac Leòid, a mhuinntir a Bheighe ’n Iar, a bhàthadh ann an acarsaid Ghloucester, Mass., o chionn che’-la-deug air ais, ’se dol air bòrd soitheach iasgaich air an robh e ’g obair. Fhuaireadh a’ chorp anns an uisge maduinn an ath latha. Bha e da fhichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois, agus ’na dhuine air an robh mor mheas aig gach aon a chuir eolas air. Tha na soithichean a bha ris an iasgach mu na Magdalene Islands air tilleadh, an deigh dhaibh luchd math sgadain a ghlacadh. Tha àireamh de na soithichean sin air an cur am mach gach samhradh o thaobh an iar us iar-dheas an eilean so. Fhuair iad, air an fhoghar so, bho $4.50 gu $5.25 am barailte air an sgadan. Chaidh leotha gu math cuideachd, toiseach an t-samhraidh, an iasgach an rionnaich, air dhòigh ’s nach eil, gu ruige so, aobhar ghearain sam bith aca air obair na bliadhna so. Tha cuid de na tuathanaich air tir-mor Nobha Scotia air an cur gu iomguin leis a ghiogan Ruiseanach a tha teannadh ri cinneachadh am measg an cuid arbhair. Thainig beagan de fhras a’ ghiogain so do na Stàidean o chionn coig bliadhn’ deug air ais, am measg coirce, agus a nise tha moran fearainn anns na Stàidean an iar air a chur fodha. Thainig e as na Stàidean do Ontario, ’s as a sin do Nobha Scotia. Aon uair ’s gu faigh e greim air fearann tha e gle dhoirbh a chur as, agus mar sin is còir do na tuathanaich a bhi ’nam faireachadh. Cha ’n eil teagamh nach eil e air greim fhaotainn an cearnan de Cheap Breatunn cho math ri Nobha Scotia, agus bu chòir feuchainn ri cur as da cho luath ’sa ghabhas deanamh. Thainig Sir Tearlach Tupper do’n bhaile oidhche Di-ciaduin, gu bhi aig coinneamh a bh’aig na conservatives an de. B’e gnothuch na coinneimh sin daoine ainmeachadh gu ruith air son na h-ard-pharlamaid. Liubhair Sir Tearlach òraid anns an rink aig naodh uairean oidhche Dior-daoin. Dh’ fhalbh Frangach d’ am b’ ainm Jesso, a mhuinhtir Cheticamp, air an Florida gu ruige Boston toiseach na seachdain s’a chaidh, agus air an turus chaidh na bha dh’ airgead aige—tri fichead dolair—a ghoid bhuaithe. Nuair a rainig e Boston cha robh sgillinn aige, agus cha ’n fhaigheadh e cead a dhol air tir. B’fheudar dha mar sin tilleadh dhachaidh. BAS. —Aig Birch Grove, C. B., air a’ choigeamh latha fichead dhe’n mhios so, Aonghas Domhnullach, a rugadh an Uidhist a’ chinn a Tuath, ceithir fichead us aon bhliadhna dh’aois. $7.00 A Phris air am bheil sinn a’ creic deise mhath “D. B.” de Chloth cloimhe. Ma tha deis’ ur a dhith ort, ’s gu bheil thu air son luach t’airgeid fhaighinn, cha’n eil aite ’s an fhusa dhut sin a dheanamh na anns an stor againne. Na ceannaich air chor sam bith gus am faic thu an stoc a th’againn. 30 paidhir de BHROGAN DEARGA BHAN, “OXFORDS” a b’abhaist a bhi $3.00, a nise $1.95 25 paidhir de BHROGAN OBRACH a b’ abhaist a bhi $1.50, a nise $1.32 100 paidhir de THRIUBHSAIREAN matha “TIVERA” a thatar a creic ann an storaichean eile air 98c. agus $1.25, a falbh air 79c. Gheibh thu t’airgead air ais mur bi thu riaraichte. H. H. Sutherland & Co. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN, AIR an t-seachdain so a’ fosgladh Seomar Dhealbh ur os cionn stor Aonghais mhic Ghuaire. Bidh an Seomar Dhealbh so air aon cho math ’sa tha ann an Nobha Scotia. Tha gach dealbh a mithear ann dhe’n t-seòrsa ’s fhearr. Tha sinn a toirt cuireadh do na h-uile taghal a stigh a dh’fhaicinn sampuill dhe ar n-obair. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. [TD 70] [Vol. 9. No. 9. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 67). Chnuic a thoirt an làthair an fhir a bha ’s an leaba, agus dh’innis e dha na’m faigheadh e léine duine a bha sona ’s làn thoilichte le shuidheachadh, agus a càramh blàth o dhruim an fhir shona d’am buineadh i air a dhruim fhéin, gu’n leighiseadh siud e gu cinnteach.” “Is neònach do chungaidh-leigheis,” arsa Mac Gille Phàdruig, “ach tha thu féin cho earbsach as, ’s gu’n dean mi feuchainn.” “Tha mi tuigsinn,” arsa Eoghan a’ Chnuic, “gur e ’s aobhar mulad dhuibhse a dhuine, gu bheil sibh mi-thoilichte le’r suidheachadh anns an t-saoghal, agus a talach air ar cuibhrionn; a nis ’nuair a gheibheir duine nach ’eil a talach air a chor, ’s fheudar dhuibhse ’nuair a gheibh sibh a léine oirbh, dol agus seachdain a chur seachad na thigh agus ’àite a lìonadh mar a’s fheàrr a dh’fhaodas sibh; mar so theagamh gu’n tuig sibh ciod e tha ga fhàgail sona.” “Na’n robh cinnt agam gu’n tugadh e mo shlàinte dhomh, agus gu’n tilleadh mo thoilinntinn, dheanainn sin gu’n ghearan.” “Theid mise ’n urras,” arsa Eoghan a’ Chnuic, “ma gheibh sibh an leine m’ar guaillibh gu ’m bi sibh ann an saoghal eile.” Cha robh tuille air, ach thug Mac Gille Phàdruig òrdugh dol air tòir duine sona. Smaoinich cuid ma bha duine sona ’s an t-saoghal gu’m b’e ’n Righ am fear sin, agus thug iad orra gu Aros an Righ agus leig iad ris dha aobhar an turais. “Mo chreach,” ars an Righ, “mise sona! ’s mi nach ’eil. Cha b’ aithne dhomh sonas o’n a chaochail m’athair ’sa chaidh an crùn a chur air mo cheann. Cha bhuin sonas dhòmhsa, agus ’se mo bheachd ma tha sibh an toir air duine sona nach ruig sibh a leas dol ’ga shireadh am measg nan uaislean. Tha mi am beachd gu bheil mo dhorsair na dhuine cho sona ’s is aithne dhòmhsa; bruidhnibh ris ’nuair a tha sibh a’ dol a mach.” Dh’fhalbh na seòid, agus a dol a mach, arsa fear dhiu ris an dorsair. “Tha thu gu seasgair, sona an so ’ille, ’s ann agad tha ’n saoghal dheth.” “Tha,” ars’ an dorsair, “cha’n’eil aobhar gearain agam. Cha ’n ’eil iad ach gann aig a bheil àite coltach ris.” “A bheil fàth ghearain idir agad?” “Ma tà, tha,” ars’ an dorsair, “tha aon duine a bhitheas a tighinn a stigh a so, a dh’ fhaicinn an Rìgh, ged a fhuair e air aghaidh cho math, rugadh is thogadh sinn còmhla, agus ged a tha e ’g am aithnichinn glé mhath cha ghabh e air gu’m faic e mi, agus cho fhad’ ’sa tha sin mar sin cha bhi mise sona.” Thog na seòid orra aon uair eile. Smaoinich iad gu ’m feuchadh iad àrd fhear comhairle an Righ. Dh’ fhaodadh esan a bhi sona. ’Se b’ fhaisge do ’n righ ann an ùdarras, bha tigh mòr fada, farsaing aige, seirbhisich gun àireamh, agus gach ni eile d’a réir. Dh’innis iad dha ciod a chuir a sud iad. “Ma ta cha ’n ’eil mise sona,” fhreagair am fear so, “’s cha bhi cho fad ’sa tha duine os mo chionn. Tha dà ni ’gam fhàgail mi-thoilichte—cha ’n ’eil annam ach serbheiseach, agus tha eagal orm gu bheil am fear a tha fodham an inbh an geall air m’ aite, ’s mar sin cha ’n ’eil mise sona.” Thog na seòid orra a rithist. Dh’ fheuch iad h-aon agus h aon, ach bha smùdan fhein a ceann gach fòid, agus dh’ fhairtlich orra aon duine sona fhaotainn. ’N uair a bha iad dol a thoirt dùil thairis chual’ iad gun robh duine a fuireach aig Leum-a’-mhadaidh, ’s nach cuala duine riamh e gearan no talach—bha fonn air-san daonnan is aoidh air an còmhnuidh. Chaidh iad air tòir an fhir so. ’Nuair a ràinig iad Leum-a’-mhadaidh, ’s gun fhios aca ciamar a dh’ aimiseadh iad air an duine air an robh iad an tòir, cha ’n fhac’ iad ach aona bhothan beag aig taobh a’ chladaich. “Is mor m’eagal gur ann air ‘gnothuch na cuthaige’ thàinig sinne an taobh so,” arsa fear dhiu. “Gu dearbh cha ’n ’eil moran coltas sonais an so” arsa fear eile. “Bha fear a’ bhothain—Lachunn-na-tràigh mar theireadh daoine ris—a’ togail cruach-mhòna ’s dà bhalachan beag breac-luirgneach ’ga chuideachadh. Bha dà chnapach balaich a cur shlatan an òrdugh ’s iad a dol a dh’ iasgach, ’s bha tri caileagan beaga, bòidheach a’ trusadh fhaochag anns an tràigh. Thàinig cuilean beag, robach a mach ’s thòisich e air tathunnaich ris na coigrich. Chuir Lachunn fàilte air na daoine, ’s an déigh beagan conaltraidh thuirt fear dhiu—“Tha àite boidheach agaibh an so a dhuine, tha mi ’n dòchas gu bheil sibh gu comhartachail?” “Tha mise gu seasgair sona,” fhreagair Lachunn, “cha deanainn suaip ris an Rìgh fhéin.” “Cha ’n ’eil agaibh ach cleitig bheag fhearainn.” “Tha gu leòir agam, cha b’ urrainn dhomh an còrr ’oibreachadh. Mar thuirt an sean-fhacal ‘Is miosa na’n uireasbhuidh tuillidh ’s a chòir,” arsa Lachunn. “Cha ’n ’eil an tigh ach beag.” “Is feàrr tigh beag lan na tigh mór falamh,” mar thubhairt an sean-fhacal,” arsa Lachunn. “Cha ’n eil feum a’ bhi bruidhinn riutsa,” arsa fear nan ceisd—“Cha dean mise toll anns nach cuir thusa cnag, ach innis so dhomh am bi thu idir a gearan?” “An ainm an Aigh!” fhreagair Lachunn, “c’ arson a bhithinn a gearan? Nach eil mi fhein s na bhuineas dhomh slàn fallain, gun ghaoid gun ghalar. Nach eil agam mar mhnaoi, an aon bhoirionnach a’s feàrr ’s a’s gaolaiche a chuir riamh làmh ri cuigeal no cas air creathall; nach ’eil ar teaghlach, cròilean an aigh! a’ fàs a suas deas direach, gun mheang, gun chearb; nach ’eil toradh na mara a tighinn air tìr aig ar dorus, ’s cha ’n ’eil a chiste-mhine Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20. 1900. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. The Scotish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Bi gabhail a MHAR-TALLA Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 71] [Vol. 9. No. 9. p. 7] uair ’sam bith gun deannag bheag innte; cha ’n ’eil sinn duilich a chur seachad, ’s cha bhi sinn a strith ri bhi cumail a suas dòighean an t saoghail, ’s mar sin tha sinn cho sona ann a so ’s ged a bu leinn cóig cóigean na h-Eireann.” ’Nuair chuala na coigrich so thuirt iad ri chèile “se so an duine air a bheil sinn an tòir,” agus dh’innis iad do Lachunn gun robh aige ri tighinn a dh’ fhaicinn Mac Gille Phàdruig an oidhche sin fhéin. Dh’ innis iad dha mar a bha ’m fear eile tinn, ’s an toir air duine sona ’fhaicinn, ach cha tug iad guth mu ’n léine air eagal ’s gu’n gabhadh Lachunn naire ’s nach rachadh e leò. ’Nuair a ràinig iad Mac Gille Phàdruig dh’ innis iad dha gu’n robh an so a cheart duine air an robh e an tòir, ’s nach robh e idir soirbh ri fhaotainn. Chuir Mac Gille Phàdruig ceisd no dhà air Lachunn, agus bha e làn riaraichte leis na freagartan a fhuair e. Thionndaidh e an sin ris agus dh’innis e dha mu ’n léine, ’s gu’m b’fheàrr dhaibh a nis suaip léintean a dheanamh. “O leth na truaighe!” ghlaodh Lachunn, “sin rud nach ’eil ormsa idir; cha robh léine ri m’ dhruim o’n a phòs mi, no ionndrainn oirre.” Thuig am fear a bha ’san leaba an nis gu làn mhath ciod a bha Eòghan a’ Chnuic a ciallachadh ’nuair a dh’ iarr e air leine duine sona a chur air, agus a tionndadh ri Lachunn, ars’ esan—“A Lachainn, rinn thu feum dhomh ann an dòigh no dhà. Tha thu gu sunndach, sona ann ad bhothan beag aig Leum-a’-mhadaidh air a bhrochan ’s air a’ bhonnach choirce ’s tha mise so an lùchairt m’athraichean leis gach ni a shanndaicheas cridhe na mhiannaicheas sùil, ’san déigh sin uile tha mi ’gearan ’sa talach. Le còmhnadh Ni Math cha dean mi tuilleadh e. ’Si an fhìrinn a sheasas agus tha e sgriobhte,—“Le biadh a bhith againn, is aodach gus ar n-eideadh, bithemid toilichte leò.” Fhuair Mac Gille Phàdruig ni b’ fheàrr; cha do dhi-chuimhnaich e Lachunn aig Leum-a’-mhadaidh, ’s mar do shiubhail iad bho sin tha iad beò fhathasd.—Highland News. Aithnichear caraid an am an fheuma. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies ’S mor àireamh na muinntir sin d’am bu chòir a bhi ’cuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil ga ’dheanamh sin. Sydney & Louisburgh Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama Beurla] *A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. A. J. G. MACEACHUINN, FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &C. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. [TD 72] [Vol. 9. No. 9. p. 8] Oran. LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN. Bha mi cuimhneachadh riamh Air na thriall uainn thar sail; Air gach fleasgach ’s maighdeann dhonn Dh’ fhalbh air long nan crann ard. Nuair a thainig Mac Niomhain Do ’n tir, bha e searbh, Le long chrannagan a tri Thoirt ar dilsean air falbh. Measg air son na shil mo dheoir, ’S iad a dortadh gu lar, B’ ann dhiubh teaghlach Chalum Mhoir, Thug air moran dhiubh barr. Bha mi cuimhneachadh Iain Chaimbeul ’S na suinn ’san robh bhaigh; Nuair a chuibhtich iad am fonn Dh’ fhag e trom mi fo phramh. Bha mi ’m shuidhe le mnaoi choir, Mar bu nos gabhail tratha, ’Nuair a chuala mi gu foil Fuaim na comhla le d’ laimh. “’S cinnteach gur a coigreach thu ’Thainig uin’ air mo sgath, A tha faighneachd m’ ainm cho caoimhneil Le greim air mo laimh.” “’S coigreach mise shliochd na linn Bh’ anns na glinn so a tamh, Mac Catriana Chaluim Mhoir. ’S tu bha eolach mu gnaths.” “Bheil do pharantan beo? Innis dhomhsa gun dail; Ge fad o’n dh’ fhag iad na glinn, ’S maith mo chuimhn’ air an gnaths.” “Tha mo mhathair fathast beo, Tha mi ’n dochas, ’us slan, Ach tha m’ athair anns an uir Cian o dhuthaich a ghraidh. “An uair a bha sinn na ’r cloinn Cruinn mu ’n teinntein a tamh, ’S tric a dh’ uraicheadh e chainnt Cumail cuimhn’ air Iain Bàn.” “Beannachd leat a nise, ruin, ’Se mo dhurachd thu slan! ’Se thu thaghall orm a d’ chuairt ’Chuir mo ghruaman mu lar. “Gu ma maiseach bhios do thriall Air an t-slialbh leis an àithn’, Dol le teachdaireachd na sith A measg dilsean mo ghraidh. “Gu robh sonas leat a triall, Mar a dh’ iarriannsa a ghnath; ’S comas labhairt mar do mhiann A measg iarmad nan Gael.” Rinneadh an t-oran boidheach so leis a’ bhana-bhàird do ’n Urr. Calum Caimbeal, Strathalba, air dha dhol g’a coimhead ’nuair a bha e ’cur cuairt air dùthaich a shinnsir àireamh bliadhnaichean air ais. Alasdair Og, Figheadair Eadar-dain. Anns an leabhar bhrioghmhor sin a sgriobh Dr. Kennedy caomh nach maireann, “Làithean nan Aithrichean ann an Siorramachd Rois” tha an sgeul beag a leanas air aithris mu Alasdair Ros, no mar theirteadh gu coitcheann ris, “Alasdar Og,” figheadair diadhaidh a bha ann an Eadardan:— “Anmoch aon oidhche thàinig coigreach gu dorus Alasdair ag iarraidh an oidhche chur seachad ann gu madainn. Bha bean Alasdair an aghaidh an duine a leigeil a stigh, ach air do dh’ Alasdair cuimhneachadh air an earail, ‘Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich,’ thug e cuireadh dha tighinn a stigh agus thug e dha gach biadh a b’ fheàrr a bha aige. Air eirigh do bhean an tighe madainn an là-’r-na-mhaireach chunnaic i gun robh an coigreach air falbh, agus gun d’ thug e leis eige de chlo a bha an duine aice an deidh a chriochnachadh do chuideigin. ‘Nach d’ thuirt mi riut,’ ars’ ise, an deidh dhi ruith a dh’ innseadh do dh’ Alasdair mu ghoid a’ chlo; ‘nach d’ thuirt mi riut gun an duine sin a leigeil a stigh; bidh amharus aig daoine a nis gur tu fhéin a chuir an clò as an rathad, agus dé a nì sinn?’ ‘Leig mi stigh an coigreach,’ ars’ Alasdair, ‘a chionn gun d’thug an Tighearna àithne dhomh; agus mur ’eil doigh eile ann air aobhar fhéin a sheasamh cuiridh e am fear a ghoid an eige air ais leatha a ris.’ Bha an là sin fior cheòthar, agus chuir mèirleach a’ chlò seachad e ag allaban gu airtnealach sgith, agus an eige chlò air a dhruim thairis air Cnoc Eadardain. An deidh ciaradh do ’n oidhche, mar bha Alasdair agus a bhean na ’n suidhe taobh an teine, chual iad gnog aig an dorus, agus air fhosgladh dhoibh, co bha ’n sin air an stairsnich ach an duine d’ an d’ thug iad aoidheachd air an oidhche roimhe. Bha e ri seachran gun fhios aige c’ àite, gus an do thog a shuil an solus a bha a’ briosgadh ann an uinneig Alasdair; agus a nis, air a lìonadh le ioghnadh agus le nàire, fhuair e e-fhein a’ tilgeadh na h-eige chlò bharr a ghuailne anns a’ cheart tigh as an do ghoid e i.”—An Fhianuis. Tha ti th’air a cur suas ann am bocsaichean mora math us dona mar tha am flùr. Tha Union Blend Tea ann am pasgan beaga daonnan math; ma chòrdas i riut aon uair cordaidh a h-uile uair. Iuchair agus cairt anns gach pasg dhi. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 73] [Vol. 9. No. 10. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 7, 1900. No. 10. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XIII. TRIOBLAIDEAN AS UR AN RATHAD MAIRI. Bha Màiri a nise daonnan fo mhulad. Bha i ’san aon chor an àm ’s an robh na blàithean a’ seargadh, agus na craobhan giubhais air cùl an taighe a’ fas dubh, dorcha, mar gu ’m biodh iad an trusgan dubhach. Bha a mulad ’dol na b’ aotruime mar a bha ’n ùine dol seachad, ach bha trioblaidean as ùr a tigh’nn ’n a rathad. Thainig iomadh atharrachadh air Baile na Craoibh Ghiubhais bho ’n chaochail a h-athair. Thug an tuathanach ’sa bhean an tigh suas do ’n aon mhac—duine socrach, ciallach. Bha ’bhean a fhuair am mac gun teagamh briagha agus gle bheartach; ach a mach o’n bhosd ’s an tlachd a bha i ’gabhail as a maise, bha i caom-shuarach mu gach ni ach airgiod. Gu ’n robh i sanntach, uaibhreach, bha ro-shoilleir ri fhaicinn an ùine ghoirid ’na gnuis, ach a dh’ aindeoin a boidhchead bha rudeiginn mi-thaitneach ’na coltas. ’Nuair a thuigeadh i gu ’m biodh dad araid a dhith air a h-athair no air a màthair-cheile, sheachnadh i a dheanamh dhaibh na ’m b’ urrainn di; agus ’s ann car aindeonach ’s le gearain a bheireadh i an cuid fhein daibh. Dh’ fheuchadh i ri ’n ruigheachd ’n am foighidinn cho fad ’s a b’ urrainn di, agus shaoileadh duine gu ’n robh i cunntas a h-uile greim a chuireadh iad ’n am bial. Dhuin an t-seann charaid bhochd iad fein suas ’san rùm a b’ fhaide stigh, agus ’s ann uair gle ainneamh a thigeadh iad a mach do ’n t-seomar eile. Cha robh am mac a’ faighinn air adhart dad ni b’ fhearr. Bha a bhean choirbte tric a’ toirt droch theanga dha, agus ceud uair ’s a’ latha bha i ’tilgeadh air am fortan mor a fhuair e leatha. Mur bu toil leis canran ’us fearg fad an latha, cha robh aige ach eisdeachd ’s a bhi ’n a thosd. Air uairibh cha shriochdadh e gus an iarradh a pharantan air; bha ’n t-eagal orrasan moran a thoirt ’na h-aghaidh, gun fhios nach deanadh i dioghaltas orra fhein ’nuair a bhiodh esan air falbh. As deigh obair latha, thigeadh e ’stigh le cridhe dubhach far am biodh athair ’s a mhàthair. Is minig a shuidh iad gu bronach, comhla, am mac ag innseadh a thrioblaidean fhéin. “Is ann mar sin a tha, a nise,” theireadh an t-athair; “dhall ise thu le boillsgeadh a cuid oir, agus mheall i thu le deirgead a gruaidhean, agus bha mise tuilleadh a’s socharach gu eisdeachd ri d’ iarratas. Tha sinn a nise ’n ar triuir a faotainn ar peanasachadh. Bu choir duinn comhairle Iacoib bhochd a ghabhail: ‘An duine glic meoraichidh e air a’ phòsadh urad ’s ged a bhiodh a bheatha an crochadh ris.’ Tha cuimhn’ agam air na thubhairt e gle mhath, agus bha mi ’smaointean air iomadh uair. “An cuimhneach leat, a’ bhean, an latha thubhairt thu, ‘Ach ’se suim bhriagha ’th ’ann am mile gilder.’ ‘Ach,’ ars’ Iacob, ‘cha ’n ’eil e cho briagha sin. Tha na blaithean a th’ ann ’sa ghàradh air taobh a mach na h-uinneige, mile uair ni ’s briagha. Is e suim shearbh a their thu ris fhathast.’ Is e sin a th’ ann gun teagamh a nise, agus ’s iad guailnean laidir a ghiulaineas an t-eallach gun tuiteam gu lar. C’arson a bhiodh tu ’g iarraidh an uidhir ud de dh’ òr? Nach ’eil thu faighinn d’ fhoghnaidh agus beagan tuilleadh? Creid mi, fagaidh tuilleadh ’s a choir de dh’ airgead daoine tuilleadh a’s bòsdail. Ni fuathas uisge, ge riatnach cuid an fheuma dheth, moran dolaidh agus sgriosaidh e sios gach ni a tha fas ’s a’ ghàradh. Is e sin a bha Iacob coir ag raitinn; agus saoilidh mi gu bheil mi ’ga chluinntinn an drasda. “Theireadh tusa, ’mhic, ‘Ach tha i cho boidheach, snuadhmhor, mar an ròs.’ Ach theireadh Iacob tuigseach: ‘A bharrachd air a bhi boidheach, cha ’n uilear do ’n fhlùran a bhi math agus feumail mar an ceudna. Tha i toirt duinn ceir ghlan agus mil luachmhor. Aodann maiseach gun mhaitheas cha ’n ’eil ann ach ròs de phaipeir, gnothuch truagh, neo-mhaireannach, gun chubhraidheachd, no beatha, gun cheir no mil.’ Sud briathran Iacob ghlic; ach cha ’n eisdeadhmid ris, ach tha sinn a’ faireachdainn a nise de cho fior ’s a tha iad. An rud sin bha sinn ’an duil a bha ’n a fhortan mor is e th’ ann am mi-fhortan a’s motha. Gu ’n deonaichidh Dia dhuinn gràsan gus a ghiulain le foighidinn, ’chionn cha ghabh a chuis atharrachadh tuilleadh.” Sud an seanachas a bhiodh aig an triuir ’n uair a gheibheadh iad cuideachd. Bha cuisean a nise ’tighinn gle chruaidh air Mairi. An seomar a b’ àbhaist a bhi aice-se, b’ fheudar di fhagail aig an t-seann chàraid. Ged a bha rùm beag, laghach eile ri sheachnadh, cha d’ thugadh a bhean òg dise, le ’cuid gamhlais, ach a chuil bu truaighe a’ stigh; rinn i gach ni chum trioblaid a chur oirre, agus bhiodh i ’ga smàdadh gun tamh. Bhiodh i daonnan a’ faighinn coire di agur cha ’n fhaiceadh i gu ’n deanadh Màiri gu leor de dh’ obair latha sam bith, no idir gu ’n deanadh i ceart e. Bha ’n dilleachdan bochd a’ smaointinn nach robh an corr feum oirre-se ’san tigh, agus gu robh i ’na h-uallach mor orra. Cha b’ urrainn an t-seann fheadhainn moran cobhair a dheanamh oirre tuilleadh; bha gu leoir mhor daibh an aire ’thoirt orra fhein. Bha fabh as a sud gu tric a tigh’nn na h-inntinn; ach b’e cheist c’ait an rachadh i. Chaidh Màiri a shireadh comhairle air sagart Erlenbrunn. Thuirt an duine beannaichte so rithe: “Cha ’n urrainn duit fuireach ni ’s fhaide aig Baile na Craoibh Ghiubhas, mo nighean mhath! Thug d’ athair nach mairionn ionnsachadh math dhut, agus theagaisg e thu anns gach doigh ’sam biodh e iomchuidh dhut thu fhein a ghiulain an taigh duine choir sam bith; ach far am bheil thu an drasda tha iad a cuir ma d’ choinneamh ri dheanamh gach ni a dh’ iarradh iad air struilleig sam bith; tha iad a’ toirt ort tuilleadh ’sa choir de dh’ obair a dheanamh, obair tha os cionn do neart, agus mi-fhreagarrach air do shon. Ach cha d’ thugainn a chomhairle ort falbh as ’sa cheart àm so, falbh air faontragh, gus am bitheadh fios agad c’ait am bitheadh tu ’dol. ’S i mo chomhairle-sa dhut thu dh’ fhuireach mar a th’ agad an drasda, obraich cho math ’sa ’s urrainn duit, dean urnaigh gu tric ri Dia agus cuir d’ earbs’ ann, agus feith gu foighidneach gus an cuir Esan, ’n uair a chi E ’n t-àm iomchuidh, rudeigin ’nad rathad. An Dia sin a thog suas thu airson suidheachadh a b’ fhearr gabhaidh E curam dhiot, ’s chi E gu ’m bi tau far an corr dhut. Feuchaidh mise ri aite fhaighinn dhut ’an teaghlach measail, diadhaidh. Cum thusa suas do mhisneach agus tionndaidhidh a chuis a mach gu ceart an deagh àm.” Thug Màiri taing mhor da airson a dheagh chomhairle, agus gheall i a leanailt. Is e an aon spot talmhainn bu docha leatha uaigh a h-athair, far an do chuir i craobh-ròis. “Mo chreach,” ars’ ise, ’s i ’na suidhe a’ caoineadh lamh rithe, “is truagh nach b’ urrainn mi fuireach daonnan ann an so; dh’ uisgeachan e le m’ dheoir, air chor ’s gu ’m biodh i an comhnuidh uaine agus fo bhlath!” Bha ’chraobh-ròis a nise fo dhuilleach uaine, agus na gucagan dearga air bruchdadh a mach. “Gu firinneach bha m’ athair ceart,” arsa Màiri, “’nuair thuirt e riumsa: ‘Tha beatha ’n duine coltach ri craobh-ròis. Air uairibh tha i lom, dubh, agus cha ’n fhaic sinn dad ach na stangan cruaidh. Ach ma dh’ fheitheas sinn, thig an t-àm an rithist ’s am bi i air a comhdach an trusgan ùrail, agus lan de na ròsan a’s eireachdaile.’ So am nan stangan dubha dhomhsa, ach cha chaill mi mo mhisneach; tha earbs’ agam as na thuirt sibh rium, m’ athair gradhach! Bithidh ’ur facal fhathast air a dhearbhadh: ‘Gheibh foighidin furtachd.’” CAIB. XIV. FOGRADH MAIRI. Thainig a nise an coig latha fichead de Iulaidh mu ’n cuairt latha fear curaim (patron day) a h-athair, agus thog e mulad Màiri as ùr. Roimhe so bha e leatha ’na latha sòlasach, ach an diugh ’s ann le deoir a dh’ fhailtich i a’ mhaduinn ghrianach, or-bhuidhe. B’ abhaist di ionnsaidh a thoirt air beagan toil-inntinn a thoirt da h-athair air an latha so; bheireadh i dha mar thiodhlac rudeiginn de dh’ obair a laimhe fhein, dheanadh i feasd beagan ni bu shoghaile na b’ abhaist, gheibheabh i beagan fiona da, agus chaireadh i flùrs bhoidheach air a bhord bu ghlaine ’s bu ghrinne. Bha ’h-inntinn lan de ghaol da ’h-athair air an latha so. Bha e na chleachdadh aig muinntir na duthcha ’bhi sgeadachadh uaighean an càirdean le flùrs, gu h-araid air laithean mar so, agus ’s minic a dh’ iarr iad cuideachadh ann am flùrs bho Mhàiri, rud a fhuair iad daonnan gu toileach. Bhual e ’na h-inntinn gu ’n sgeudaicheadh ise uaigh a h-athair fhein le flùrs. Bhual i suil air a bhascaid [TD 74] [Vol. 9. No. 10. p. 2] bhig a bh’ air a bhord, priomh cheann aobhair a h-uile anraidh troimh ’n deachaidh i. Thug i leatha a bhascaid so, chaidh i do ’n ghàradh far an do lion i i leis a h-uile flùr bu bhoidhche, bu ghrinne ’s a b’ ùraile. Chaidh i leatha trath ’sa mhaduinn gu Erlenbrunn, agus shuidhich i i air uaigh a h-athar. Shil a deoir air na flùrs, agus bha iad a soillseachadh mar dhriuchd na maidne. “’Athair ghaolaich, ghradhaich,” deir ise, “bha thusa daonnan a’ sgapadh flùrs romh mo cheum-sa anns a’ bheatha so, rud nach urrainn mise ’phaigheadh dhuibhse gu brath; ach ni mi ’n uidhir so, cuiridh mi am fleasg so tarsuinn air ’ur n-uaigh!” Dh’ fhag i a’ bhascaid air an uaigh; oir cha robh curam sam bith oirre gu ’m beanadh duine dhi fhein no do na flùrs. Is minig a thug an sluagh suil thaitneach air a’ bhascaid, ’sa bheannaich iad a’ nighean mhath, agus a rinn iad urnaigh airson fois a bhith aig a h-athair chaomh. Trath an ath latha, ’n uair a bha an tuathanach agus a sheirbheasaich ag obair air an fhiar ’san lon mhor, air taobh thall na coille, chaidh pios de lion-aodaich a bha air tobhar air an fhiar, faisg do ’n ghàradh, a ghoid air falbh. ’Si ’bhean òg a chiad duine a dh’ ionndrainn e; agus coltach ris a h-uile duine sanntach, bha i lan de doroch amharus, agus air an turus so leag i gach amharus air Màiri. Cha d’ rinn Iacob bochd riamh diomhaireachd de ghnothuch an fhàine, dh’ innis e do n t-seann fheadhainn e. Fhuair am mac a mach e, agus le blaomaireachd air choireiginn dh’ innis esan e d’a mhnaoi. Agus, air an aobhar sin, ’nuair a thill Màiri dhachaidh comhla ris na h-igheanan eile feasgar, a’ sgrioban air a guallainn, agus soitheach deoch ’na laimh, thainig a bhana-mhaighstir òg a mach nan coinneamh, duaichni mar an dragon; thoisich i air caineadh Màiri anns a’ chainnt bu sgainnealaich, agus dh’ àithn i oirre am pios lion-aodaich a thoirt suas di-se. Fhreagair Màiri gu ciuin “gu ’n robh e do-dheanta am pios aodaich a bhi aice-se, ’chionn gu ’n robh ise comhla ri h-uile aon de chacha fad an latha ’san achadh. Ach gu ’m faodadh, ’nuair a bha ise a’ deanamh deiseil na dinnearach, cuid-eiginn a thigh’nn a rathad a sguab air falbh e.” Le firinn ’s ann mar sin a bha. Ach dh’ eubh a’ bhean òg a mach, “Thusa, bhana-mheirleach! am beil thu ’n duil nach ’eil fhios agamsa gu ’n a ghoid thu ’m fàine, agus gu’r ann air eiginn a chaidh, do cheann fhagail air do choluinn. Truis air falbh as mo thaigh anns a’ mhionaid. Chan ’eil dachaidh aig creutairean suarach coltach riutsa fo m’fhardaich-se.” Thuirt an tuathanach òg, “Cha chuir thu mach i co-dhiu cho anamoch so! Tha ’ghrian gu dol fodha. Gabhadh i a suipeir comhla ruinn air an fheasgar so, agus cuimhnich cho cruaidh ’sa dh’ obraich i fad an latha theth, gus an d’ thainig an oidhch’ oirnn?” “Aon uair eile de thim cha ’n fhaod i fuireach,” ars’ a bhean fheargach, “agus cum thusa do theanga, air-neo gheibh mi bior dearg as an teine a chuireas stad air do bhial.” Thuig an duine nach deanadh bruidhinn ach cron, agus dh’ fhuirich e ’na thosd. Cha do fhreagair Màiri idir na beumanan a chaidh a dhortadh mu ’ceann, ach thruis i leatha ann an neapaiginn am beagan imrich a bh’ aice, chàirich i am pasgan fo h-achlais, thug i taing seachad le deòir airson gach caoimhneas a chaidh a nochdadh dhi aig Baile na Craoibh Ghiubhais, dh’ aicheidh i a’ chionta a bhathas a cuir as a leth, agus dh’ iarr i cead beannachd fhagail aig an t-seana charaid. “Faodaidh tu sin,” arsa bean an tuathanaich gu sgaiteach, “agus bhithinn ni bu thoilichte nan d’ thugadh tu leat an da sheann fheusagach ghlas as m’ fhianuis gu buileach. Tha e coltach nach ’eil guth aig a’ bhas air an toirt air falbh fad uine mhoir fhathast.” Chual an t-seann fheadhainn an iorghuill a bh’ ann, agus thoisich iad ri gal. Thug iad a h-uile misneach a b’ urrainn iad do Mhairi, agus thug iad di am beagan airgiod a bh’ aca. “Falbh,” ars’ iadsan, “mo leanabh math, gu ’n robh Dia maille riut. Tha beannachd d’ athair na oighreachd air a storadh suas duit, agus thig i gu feum uaireiginn. Creid sinn, bithidh gach cuis fhathast mar is coir.” Dh’ fhalbh Màiri ann an glomanaich na h-oidhche, agus lean i an ceum a bha ’dol troimh ’n choille. Bha toil aice uaigh a h-athar fhaicinn aon uair eile. ’Nuair a chuibhtich i a’ choille, bha na soluis laiste ’s a bhaile bheag, agus ’nuair a rainig i an eaglais cha mhor nach robh an oidhche dhubh ann. Ach cha robh eagal sam bith oirre ’bhi siubhal feadh nan uaighean mu ’n àm ud. Ghabh i direach gu uaigh a h-athar agus shil a suilean gu frasach. Bha a’ ghealach a soillseachadh troimh dhuilleach thiugh nan craobh, agus a soillseachadh le solus ciuin air na ròsan a bh’ air an uaigh agus air a bhascaid bhig a bha fhathast far an d’ fhag i i. Bha gaoth an anamoich ag osnaich gu ciuin air feadh nan craobh agus a’ leigeil duilleag ’us flùran, an sud ’s an so, air an uaigh. Bha gach ni eile na thosd—cho tosdach ris an uaigh fhein. “’Athair ghaolaich, ghradhaich,” arsa Màiri, “na ’m bu bheò sibh ’s gu ’n rachadh aig ur Màiri bhochd air a càs innse dhuibh! Ach ’s fhearr mar a tha, agus tha mi ’toirt taing do Dhia nach ’eil sibh an lathair gus an trioblaid ma dheireadh fhaicinn! Tha sibh a nis’ aig fois, agus cha chuir bron curam oirbh tuilleadh! O, nach mise bha comhla ruibh! Ann an cursa mo bheatha thrioblaideach, ’s i so an trioblaid a’s motha fhathast! Roimhe, ’nuair a bha a’ ghealach a dealradh troimh uinneagan iaruinn mo phriosain, bha sibhse, ’athair ro ghradhaich, maireann, ach a nise tha i ’soillseachadh air ur n-uaigh! Roimhe, ’nuair a bha mi air mo shlaodadh o’m dhachaidh ghaolaich, bha sibhse fhathast agam mar fhear dion ’s mar charaide! Ach a nise cha ’n ’eil duin’ agam ris an seall mi suas; bochd, treigte, fo amharus, ’am choigreach an dùthaich chein, tha mi ’n am aonar ’san t-saoghal, gun dachaidh ris an till mi. An uine bhig feumaidh mi an aon spot de’n t-saoghal a’s fhearr leam fhagail. An uine bhig theid an aon cho-fhurtachd a th’ agam, bhi gal aig ur n-uaigh, a thoirt bhuam.” As deigh nam briathran so bhruchd i a mach le deoir. Thuit i sios an rithist air a gluinean agus ghlaodh i ’mach, “Ar n-Athair tha air nèamh, seall a nuas as na flaitheas a’s airde air a nighinn bhochd, aonaranaich so, tha gal aig uaigh a h-athar, agus gabh truas rithe! ’Nuair is motha an trioblaid ’s ann is faisge do chobhair-sa. Cha ’n urrainn mo bhròn a dhol ni ’s motha, agus tha mo chridhe gu bristeadh. O, dearbh dhomh nach eil do lamh air a giorrachadh; nochd do mhathas dhomhsa, na treig mi ’chionn cha ’n ’eil a h-aon ann ris an tionndaidh mi ach Thusa. Thoir leat mi ad ionnsaidh far am bheil m’ athair beannaichte, air neo cuir a nuas beagan de cho-fhurtachd do m’ chridhe briste! Na flùrain bheaga ’tha spliutadh sios fo theas grian a mheadhoin-latha, bheir thu orra eirigh suas a rithist fo fhionnaireachd na h-oidhche gheal ghealaiche, agus theid an ùrachadh le dealt’ ioc-shlaintaich! Gabh truas, O gabh truas dhiom!” Shil na deoir gu frasach a rithist. “Ciod a dh’ eireas dhomhsa air an oidhche so fhein,” thuirt i an ceann uine bhig, “agus c’ait a nis’ an teid mi? Mo thruaighe! cha ’n ’eil de mhisnich agam na dh’ iarras cuid na h-oidhche cho anamoch so. Ma dh’ innseas mi dhaibh a choire bha dhomh ’nuair a thionndaidh iad air falbh mi, ma dh’ fhaoidte nach leig duine ’stigh mi.” Dh’ amhairc i mu ’n cuairt. Ri taobh balla ’chladha, lamh ri uaigh a h-athair, bha seann leac chuimhne, comhdaichte le coinnich; ’chionn gu ’n a chosg a’ sgriobhadh a bh’ oirre agus gu ’n robh i anns an rathad, chaidh a togail agus aite suidhe a dheanamh dhi. “Ni mi suidhe air a’ chloich so, agus cuiridh mi seachad an oidhche faisg air uaigh m’ athair. Ma dh’ fhaoidte gu ’r e so an turus mu dheireadh bhios mi gu brath an so, agus faodaidh e bhith nach faic mi an uaigh ghaolach so tuilleadh. ’S a mhaduinn mu ’n eirich a’ ghrian, falbhaidh mi an ainm Dé an taobh a stiuireas a lamh mi.” (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XI. BLAR SLIABH A CHLAMHAIN. Dh’eirich an t-arm Gàelach sa’ mhadainn trì uarean ro’ eiridh na gréine (di-sathurn an dara latha thar fhichead de dharra mìos an Fhoghair,) ghluais iad gu mìn mall a chum na h-àraich, gach laoch na bhalbh thost, ach na cinn-feadhna ’bha toirt dhaibh an òrduigh. Bha dalla-bhrat na h-òidhche dha’n cumail fathast á fradharc an airm-dhéirg, agus air do’n latha bhi tighinn a staigh bha ceò dùmhail d’an cleth. Air dhaibh am boglach a ruidhinn, thuirt gill’ òg da’m b’ainm Rob Mac-Aindrea, (mac fear de thuathanaich machair Loudai, a lean na Gàeil á Dunéideann,) gu’m b’ aithne dhasan cruadhlach a bha tarsuinn air ionad àraid de’n bhoglach air am faigheadh an t-àrm a null n’a bu tearruinnte, n’an t-àit’ air an robh a rùn orra dhol tharais; ’nuair a chual’ am Prionnsa so dh’ aontaich e’n t-àite so a ruidhinn, agus ghluais an t-àrm d’a ionnsaidh agus Rob Mac-Aindrea air an toiseach a’ deanamh an iùil. ’Nuair a rainig an t-àrm iomal a’ bhoglaich, ghlaodh trùpairean Iain Chope a bha ’sa’n àite so air freiceadan,—“Co tha sin?” Cha tug na Gàeil freagairt sam bith dhaibh, ach thriall iad air an aghaidh, agus cha b’fhada gus na thuig na trùpairean co bha ’ann, agus chuir gach fear dhiu urachair á ghunna gu caismeachd a thoirt do ’n chuid eile de’n arm gun robh na Gàeil a dlùthachadh orra! Chaidh an t-arm Gàelach a chuir ann an òrdugh catha mar so:—Siol-Chuinn cheud-chathaich (no Clann-Dòmhnuill) air an laimh dheis, a thaobh reachd a rinn Rob Brus latha Allt-a-Bhonnaich, gum bu le Clann-Dòmhnuill urram na làimhe deise, agus anns gach blàr a thug na Fineachan bho ’n uair sin, chum na Dòmhnullaich an t-urram gu latha Cath-Gairiach. [Be Siol Leòid a bh’ air an laimh dheis sa’ bhlàr sin, ge be ciod a choisinn an onair sin daibh cha chuala mi.] Bha na Cama-Shronaich agus Stiùbhartaich na h-Apunn air an laimh chlì, Réiseamaid Dhiùc Pheairt agus Clann-Ghriogair sa’ mheadhon. Bha Diùc Pheairt féin na sheanaileir air an làimh dheis agus Morair Seòras Moireach na sheanaileir air an làimh chlì. Chaidh a’ chiad chuideachd a chuir anns an òrdugh a dh’ ainmich mi,—sheas an ath chuideachd ma thuaiream leth-cheud slat uapa air an t-Sliabh,—na h-Abhallaich,—Clann-Donnachaidh,—Clann-Iain (no Dòmhnullaich Ghlinne-Comhann)—agus Clann-Lachuinn. Sheas Tearlach féin eadar an dà chuideachd le geard cheud fear ma thimchioll. Bha ’n t-arm Gàelach [TD 75] [Vol. 9. No. 10. p. 3] gu léir ma thuaiream 2400 fear.* ’Nuair a thainig iad gu math faisg air an arm-dhearg, thug am Prionnsa féin deann beag air aghaidh agus labhair e mar so:—“Leanaibh mi, leanaibh mi, a dhaoin’ uaisle, agus le beannacha’ Dhé, ni mis’ air an lath’ an diugh sibh ’n-ar buidheann shaor agus shona!” Bha ’n ghrian mu’n àm so a’ nochdadh a’ gnùis san ear, agus bha’n smùidean ceathaich a teicheadh ro’ fianais bharr lom an raoin gu ard an t-sléibhe; cha robh a nis’ eadar iad ’san t-arm-dearg ach iomaire còmhnard asbhuain, ach fathast cha robh e cho soilleir ’s gu’m bu léir do ’n dà armailt a chéile. Cha chluinnte facal no fuaim sam bith a measg nan Gàel ach fathrum na connlaich fo bhonnabh an cas mar bha iad a’ triall tro’n as-bhuain. Aig an arm-dhearg chlunnte druma ’n dràsta ’s a rithist, a thaobh gur h-ann le a bhasa stiùradh an àirm. ’Nuair a ràining na Gàel uchd-catha thug iad gu léir an cuid bonaid a bharr an cinn, sin thog iad an sùilean ri nèamh agus chuir iad suas ùrnaigh ghearr thosdach. Bha na h-uaislean air thoiseach, agus chum iad an cuid targaidean eadar an aghaidhean ’s ’nan nàimhdean, agus chrom siad iad-féin beagan ris an talamh, mar ’bha iad a dol air aghaidh a chum teine nan Gall a sheachnadh: bha ’n cuid targaidean cho leathann a’s gun dionadh iad na h-uile mìr dheth an colainnean, ach an casan a mhàin. Bha ’chuid dhiu aig nach robh targaidean a fuireach air cul-thaobh chàich mar dhion. Bha na h-uile cheann-feadhna ann am meadhon a dhaoine féin, agus a chairdean bu dìllse air gach taobh dheth,—gach aon diù ullamh gu dhol eadar e ’s an fhuar-bhuille, na’m faiceadh iad i tighinn da ionnsaidh. Fa-dheoigh, chunnaic an t-arm-dearg na Gàeil tro liath cheò fann na maidne, a bruchadh da’n ionnsaidh air mhire chatha agus an dùil r’a cumail á “ionad tharruinn lann” loisg iad cùig gunnaichean mòra air feachd na laimhe clìthe, agus chaidh làdach ghunnaichean caola bho ceann gu ceann dhe’n arm-dhearg ann an aodainn nan Gàel mar bha iad a dlùthachadh ri aghaidh an nàmhaid. Ach cha tug sin air “na laoich gun tioma, dhol á àite buille bhualadh,”—Thòisich an casradh, agus b’iad na Cam-shrònaich a chaidh an toiseach am badaibh nan nàmh, agus cha robh na Dòmhnullaich fad air deireadh. ’Nuair a thàinig iad an imisg dusan slat do’n arm-dhearg, leag gach fear urchair á ghunna agus thilg e bhuaidh i mar shlacanònaid gun mhath. Air ball bha ’chlaidheamh ann an deas-lamh gach laoich, targaid air a ghàirdean chlì agus biodag san dórn. Mar so air àrmadh, thuit gach duin’ air a ghlùn toisgeal agus ’nuair ’thainig na deargnaich orra’ le’n cuid beigeleidean! ghlac gach fear a rinn air a thargaid agus ’le aon bhuille dheth na chlaidheamh-mhòr “bha ’n dearganach gu’n ainail.” Thòisich na Gàeil gu léir air casradh, ’s air beumadh air an t-sheòl so, le biodag, le claidheamh, is le sgiath, agus bu tric a thug aon Ghàel dithis dheth n’an nàimhdean còladh ga talamh. Cha do chùm an t-arm-dearg an aghaidh ri cruadal ach ma chùig mionaidean:— —“Chaidh ruaig orr’ uile, mar bheum tuile, Chaoidh cha b’ urr’ iad tionndadh!” ’Nuair a sguab na Gàeil luchd nan canon ’s nam mosg mar so dheth an àraich, thainig réiseamaid each Chorneileir Whitnie ra’n aodainn, ach cha do loisg na Gàeil ach leth-dusan ùrchair, ’nuair a thug na claghairean gealtach iad féin às. Thainig an sin Corneileir Gàrnaileir thun na faiche le chuid trùpairean féin; ’nuair a chunnacas a tighinn iad, ghlaodh Loch-Iall ris na Cam-Shronaich, mar so—“Thugaibh a’ chiad bhuille do na h-eich ma na srònan agus cha bhi e doirbh an ath té thoirt do’n mharcaich.” “Buail am balach air a charbad, Each, a’s balgair, air an t-sroin.” Ach cha tàinig iad cho faisg air na Cam-Shrònaich is gun do tharr iad sin a dheanamh. ’Nuair chunnaic iad gleòis luchd nam breacan ghlac iad maoim air chor is gun robh iad a saltairt nan saighdearan cois’ aca fèin fo chasan an cuid each mar bha iad a teicheadh a bharr na h-àraich:— “Na coisichean, ’s na marcaichean ’S na bh’ aca shluagh gu leir, Dol turraichean air tharraichean ’S cha shealladh iad na’n deigh!!” Chaidh an t-àrm-dearg gu léir gu claghaireachd, thilg gach fear a ghunna bhuaidhe, chum ’s gur ann a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e teicheadh air falbh le bheatha; thuit cuid eil air an glùinean gu diblidh ag iarraidh treòcair. Ghabh aon phrasgan beag de dhaoine Choirneileir Gàrnaileir (an uair theich a chuid trùpairean) orra de dhànadas an aghaidh a chumail ris na Gàeil, ach bu bheag a thar ás diù le’m beatha, agus thuit an t-uasal treun sin bu cheann orra sa’ chath. Ged a thuit cha b’ ann gus an dh’ fhàg e cuid mhath dheth a nàimhdean marbh air gach taobh dheth, ged a bha e’n droch shlaint’ agus air ùr eiridh á tinneas. Bu cho lòm sgrios na Gàeil an t-àrm-dearg rompa ’s nach d’ fhuair an dara cuideachd a bha ma leth-cheud slat an deigh chàich ach cuirp gun anail agus leóinte nan naimhdean romp air an araich. Tha cuid ag innse nach do mhair an cath ach ceithir mineidean, ged do mharbh na Gàeil barrachd a’s ceithir cheud fear de’n àrm-dhearg. Bha prasgan beag de Chlann-Ghriogair aig nach robh de dh’ àrmachd ach seann spealan le’n luirgnean air an dìreadh agus air an sàthadh ann an casan fad’ innsinn: bha iad leis na h-airm uabhasach so a sgoltadh chlaignean gu ruige na guailean: a cuir chasan dheth na h-eich a’s cheann far mhuineal air a chiad sràc. Air uairean eile bha iad a gearradh dhaoine na’n dà earrainn le aon bhuille. Bha luchd nan claidheamhan mar an ceunda a deanamh euchdan anabarrach: bha cinn as casan da sgathadh de dh’eich ’s de dhaoine le faobhar a chlaidheimh is le neart ghàirdean! Chuir aon duin’-uasal Gàelach an gàirdean agus leth taobh a chinn de shaighdear dearg le aon bhuille!! ’Nuair a thaisbean na Gàeil am misneach agus an treun ghniomh mar so, bha ’chuid mhòr dheth na bha còladh riu do mhuinntir machair Alba* cho gealtach agus mòran ni bu lugha stà na na saighdearan dearga féin. ’Nuair a chunnaic tuath Dhiùc Pheairt an cath a tòiseachadh, tha e air aithris le fear a bha lathair gun “stad iad ag amharc a bhlàir mar bhaide dhamh.” B’ann de’n réiseamaid leibidich so a bhuineadh Griogairich nan speal! agus an uair a chunnaic iad nach robh ’choltas air an nàbaidhean mòran a chosnadh de chliù na teugbhaileach, thearb siad iad féin ás an comunn, agus ruith iad tro fhras pheileirean an airm-dhéirg gus an d’ ràinig iad a chuid eile de Chlann-Ghriogair a bha fo chomannda Mhic-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig, an ceann-cinnidh. Ged nach robh an t-shligh a bha eadar iad a’s bratach uaine Chlann-Ghrogair ach ghearr, mas do thàr iad a ruidhinn, chaidh diùlanach tapaidh, Calum Mac-Ghriogair, an duin’-uasal a bha mar cheann orra) mharbhadh an àm dhaibh a bhi dol tharais, agus ged nach robh ni bu lugha na cùig peileirean air dol na cholainn, dh’ eirich e air uilinn agus ghlaodh e! “Seallaibhse so Fhearabh, cha’n eil mi màrbh fathast,—chì mise mar a deann na h-uill fear agaibh an diugh a dhleasanas!” Chaidh mar a dh’innis mi roimhe ceithir cheud saighdear coise dheth an arm-dhearg a ghlan mharbhadh, seachd ceud a ghlacadh mar phrìosanaich, agus thàr ceud a’s trì fichead ’sa deich ás. Theich Iain Cope féin agus ceithir-chéud trùpair còladh ris, agus is gann gun leig iad fuarachadh do’n casan gus an d’ ràinig iad Beruig a tuath air a chrìch Shasunnaich. Ma leth uair an deigh a bhlàir, fhuair muinntir Dhunéideinn fios cia mar chaidh an latha. Chunnaic iad dusan thrùpairean le’n cuid each, a marcachd n-an cruinn-leum a’ cuir tein’ ás na clachan a dol suas an t-sràid ard agus aon mharcach de luchd nam breacan da’n dion ruagadh le claidheamh lom na dhòrn! ghabh na trupairean so a lethid de ghiorraig ’s nach do sheall iad as an déigh gus an deach iad a steach air geat a chaisteil ’s gun dhùin iad an dorus! ’Nuair a fhuair am fear tòrachd an geata dùinte roimhe, leis an reachd a ghabh e nach do thàr e breith orra, sparr e a’ chlaidheamh air a cheann anns an chòmhla, agus dh’ fhàg e’s an t-sas sin e mar chomharradh air a bhuaidh. Mharbh Gàel eile nach robh ach ma shia-bliadhna diag a dh’ aois, tri diag dheth nan nàimhdean—Chaidh so innse do’n Phrionnsa, agus air dha an t-òganach a ghairm da ionnsaidh, labhair e ris mar so:—“Am beil sud a thasa ’g innse dhomh fior, gun do mharbh thusa tri-fir dhiag an dé air Sliabh a Chlamhain?” “Cha do rinn mi cus sealltain (ars an t-ògan) co dhiù a bha iad marbh no nach robh, ach tha fios agam air a so, co dhiù, gun chuir mi tri-diag diù ri talamh le ’m chlaidheamh,” “A laochain thapaidh (ars am Prionnsa) ’s e sin a bha bhuam, is math a choisinn thu do phàigheadh-latha agus ma bhios mise fada beò gheibh thu sin.” Thug Gàel eile deich saighdearan dearga dh’ ionnsaidh a Phrionnsa mar phrìosanaich. Air dha bhi gun ruagadh eadar dà ghàradh, a bha tacan a null bho’n àraich bhuail e’m fear a bh’air deireadh dhiu le ’chlaidheamh agus leag se e—a cantainn, mar bhuail e bhuille.—“Sios le t’ àrm!” ’nuair a chuala iadsan a bh’ air thoiseach so thilg iad gu léir bhuap’ an àrmachd; gun fhuireach ri sealltainn cia lion a bha ’n tòir orra, agus le dag’ anns an dara làimh, agus claidheamh anns an làimh eile, dh’ iomain an Gàel na daoine so gach taobh a b’ àill leis mar gu’n iomaineadh e baide chaorach roimhe gu crò! Dheth na Gàeil féin cha do mharbhadh ach deich thar fhichead, (agus bha triùir dhiu sin ’n-an oifigich,) agus bho thrì gu ceithir fichead fear a leòn. Chaidh na fir leòint’ dheth gach taobh (se sin eadar muinntir Dheòrsa sa’ Phrionnsa) a ghiùlain gu taigh Chorneileir Ghàrnaileir, nach robh ach uidhe ghearr bho’n àraich, agus chitir gus an lath ’an diugh làraichchean nan gaisgeach sin air an ùrlar dharaich air an robh iad ’n-an sineadh ’n-an trusganan fuilteach. ’Nuair a chaidh gabhail ma thimchioll na h-aiteam leointe ’sa’ thòisicheadh air glandh na h-àraich, bha na Gàeil a trusadh gach òr a’s airgead a bha iad a faotainn air na cuirp mharbha. Thug aon diùlanach tapaidh a mhuinntir Bharra an t-uaireadair òir de thrùpair Sasunnach a thug e gu làr le aon bhuille dheth a chlaidheamh agus reic e i r’a chompanach-leap’ air an ath mhadainn air son daga. Thuirt nàbaidh dha a bh’anns an làthair gu ’m b’amaideach, an cùnradh a rinn e, gum b’fhiach an t-uaireadair fichead daga. “Tha mi coma,” ars am Barrach, “is math leam gun d’ fhuair mi ’n rùd mosach dheth mo làimh; bhàsaich i ’n raoir!” Thuirt e so, a chionn an t-uaireadair a bhi air ruith a mach, a thaobh nach deach a cuidhleadh suas air an òidhche mar bu chòir. (Ri leantuinn.) *Cha robh aig Iain Cope air an t-Sliabh ach ma thuairean 2100 fear, agus a thaobh nach tug a chuid mhor de reiseamaid Dhiuc Pheairt claidheamh a truaill, bha ma’n aon aireamh air gach taobh. *’S iad ’tha mi ciallachadh an so, na Gall-Albannaich Mhachrach aig nach robh a Ghailig mar chanan. [TD 76] [Vol. 9. No. 10. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh Iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, SEPTEMBER 7, 1900. LITIR A FRAMBOISE. Is iomadh car a chuir an saoghal dheth bho ’n a sgriobh mi ugad ma dheireadh, agus gu dearbh is iomadh sgeul ùr a tha teachd leis a h-uile car a chuireas e dheth. Is mor an troimhe-cheile a tha air feadh an t-saoghail an diugh fein,—cogadh an sud ’s an so, tuairsgeul cogaidh an àit’ eile, gorta an sud, plàigh an so, mort an aon àite, marbhadh ’san àit’ ud eile; ach aig a cheart àm tha mi smuaineachadh nach robh riamh roimhe a leithid de dh’ ullachadh ’s de dheisealachd ga dheanamh ann an innealan ’s ann an innleachd cogaidh ’sa thatar a deanamh an diugh fein. Nach uamhasach an ni, an dara neach a feuchainn gach seoltachd airson doigh a dheanamh airson a cho-chreutair a sgrios, innealan sgriosach gan dealbh gus a bheil e na ni gairisneach is eagalach cogadh eirigh eadar da rioghachd an diugh. Ach an deigh gach cuis tha sinn a creidsinn gu bheil cogadh iomadh uair feumail agus iomadh uair na mheadhoin an laimh an Fhreasdail airson a rùn fein a thoirt mu ’n cuairt. Ach dh’ fhaodadh nach biodh an cogadh a th’ ann an Sina cho fuilteach no cho fadalach ’sa shaolamaid, agus tha iomadh aobhar airson am biodh sin cho math, gu sonruichte mas e ’s gu ’m biodh an cogadh na mheadhoin air an ti a chuir an gainnead ’san daoiread air na cailleachan còire againn. Their cuid gur h-e a bhi as aonais na ti an rud cho luath ’sa dh’ fhagas ceann caillich goirt ’sa chuireas bhar a siuil i ri rud sam bith eile. Agus gu dearbh ged tha a chailleach agam fhein cho neo-thuasaideach ’sa rug riamh air cuigeal, cha rachainn idir an urras, mas e ’s gu fas an ti gann oirre, gu ’m biodh e sàbhailte do Phrionnsa Tuan no do Bhoxer Sineach eile tighinn am faisge fad cas a chlobha dhi.—Ach dh’ fhaodadh nach fas an ti daor. Cha ’n ’eil am feur idir cho math am bliadhna ’sa b’ àbhaist, agus cha ’n ’eil sìde greadhaidh againn ach gle mheadhonach; ach ma bhitheas abuchadh math aig a choirce ’s fhada bho nach robh am barr sin cho math. Cha ’n ’eil am buntàta idir cho abuich ’sa b’ àbhaist dha bhi mu ’n àm so, ach mur a tig searg ann tha ùine abuichidh roimhe fhathast. Aon uair eile tha fathunn a dol mu ’n cuairt gu bheil rathad-iaruinn eadar Canso ’us Louisburg ri bhi air a thogail gun dàil. Tha cuideachd á New York air a ghabhail os laimh air an turus so, agus ’se barail dhaoine gu ’n teid a thogail leo so cinnteach ga leoir. Cha ’n ’eil teagamh nach dean e feum do ’n duthaich mu ’n cuairt, agus nach fosgail e suas obraichean air feadh an àite gu leir. Rinneadh gle mhath air iasgach nan giomach air an t-samhradh so. Bha ’n t-sìde anabarrach ciuin, briagha, agus pris mhath ga fhaotainn. Ach cha d’ rinneadh a bheag de dh’ iasgaich truisg no sgadain. Ach mar is trice ’s ann anns an fhoghar is fhearr ’s as pailte bhios an trosg ri fhaotainn, agus ma gheibhear sìde fhabharrach nithear iasgach math fhathast. Ach tha pris an truisg gu math ni ’s isle na bha e ’n uiridh. CEANN LIATH. Ogust, 1900. Fhuair sinn paipearan á Halifacs anns am bheil mion chunntas air a thoirt seachad air na tha ri bhi air fhaicinn aig an Exhibition a tha gu bhi ann air an t-seachdain s’a tighinn. Tha riaghladh Nobha Scotia gach bliadhna ’cosg àireamh mhiltean dolair ris an exhibition sin, agus tha e air a chumail, ma’s fhior, air son math nan tuathanach ’s nan iasgairean. Tha e duilich a thuigsinn ciod a bhuntain a th’aig moran de na chithear aig na h-exhibitions ’sna bliadhnaichean so ri math nan daoine sin, luchd cumail suas ar dùthcha. Creididh sinn gur mor is fheairde tuathanach a dhol a dh’fhaicinn gach seòrsa toraidh a tha ’n talamh a guilan, gach ainmhidh bhriagha tha air an togail ’san dùthaich, agus gach inneal ùr innleachdach a tha air a deanamh air son saothair an duine dheanamh na’s toraiche agus obair a dheanamh na’s aotruime. Credidh sinn sin, ach cha chreid sinn gu’n dean e mor fheum do thuathanach, do iasgair, no do neach sam bith eile dhol a dh’fhaicinn fhirionnach us bhoirionnach a’dol an cunnart am beatha ’cur charan dhiubh féin air àitean arda ’sa leum troimh chearcaill sgeinean ’s troimh lasraichean teine. ’Se ar barail gu’m buin nithean dhe’n t-seòrsa sin do ’n t-circus, agus gur còir am fàgail an sin. Ma ’se circus a tha dhith oirnn ann a Halifacs,deanamaid sin dheth,ach sguireamaid dhe bhi tarruinn airgeid á ionmhas na dùthcha air son exhibition nach eil airidh air an ainm. F. H. REYNOLDS, ARD CHEANNAICH’-AODAICHEAN. South Charlotte St., - - - Sidni. Tha stoc de dh’ aodaichean Fhirionnach againn na’s motha na tha aig ceannaiche sam bith eile tha ’n Sidni. Tha sinn ’gan ceannach ’nan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta. Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5.00. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Arineis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 77] [Vol. 9. No. 10. p. 5] NAIGHEACHDAN. Cha d’ rainig am “Florida” Sidni air an t seachdain so gu Di-màirt, a chionn gu robh aice ri taghal ann a Halifacs an àite ’n t-soithich a bha ruith do’n phort sin, d’an do thachair sgiorradh a chumas i gun ruith fad dha no tri sheachduinean. Chaidh aois choig bliadhn’ deug de nighinn a mharbhadh ann a Philadelphia, Pa., an oidhche roimhe le brick a chaidh a thilgeadh oirre. Bha i aig an àm ann an riochd “bòchdain” a’ feuchainn ri eagal a chur air grunnan de dh’fheadhain dhubha bha ’nan seasamh faisg air tigh a h-athar. Tha riaghladh nan Stàidean air a’ bhliadhna so ag àireamh an t-sluaigh. Cho fad ’sa chaidh na cunntais a chur ri cheile tha iad a nochdadh gu bheil anns an dùthaich gu h-iomlan mu thri fichead us coig milleanan deuga. Tha so mu thri milleanan goirid air an àireamh a bhatar a’ smaoineachadh a bha anns an dùthaich. Tha da cheud duine dubh ann an New York, a tha ’g radh gur iochdarain do Bhreatunn iad, an deigh tagradh a chur dh’ionnsuidh an riaghlaidh Bhreatunnaich air son an dion ’s ceartas fhaicinn aca ann an tir nan Geaneach. Cha’n eil teagamh sam bith nach dean Breatunn cùram a ghabhail dhiubh, oir ’se uaill na dùthcha sin nach fuiling i droch ceartas a bhi air a thoirt d’a h-iochdarain cia b’e dùthaich no cearna dhe’n t saoghal ’sam bi iad. Tha eagal air muinntir Newfoundland gu’m bi gainne mhor ghuail orra air a’ gheamhradh so. Cha’n eil meinnean guail aca fhéin as am faighear a’ bheag sam bith, agus cha ’n eil e ri fhaotainn am bliadhna anns na h-àiteachan ’sam b’ àbhaist dhaibh a bhi ’ga cheannach. Tha na ghabhas cur os cionn talmhainn ann an Ceap Breatunn romh dheireadh na bliadhna air a chreic, gu ire bhig, cheana. Aig coinneamh nan conservatives Dior-daoin s’a chaidh, bha Sir Tearlach Tupper us Eachunn F. Dùghlach air an sònrachadh gu ruith air son na h-àrd phàrlamaid. Oidhche Dior-daoin, labhair Sir Tearlach anns an rink. Bha àireamh mhor sluaigh ’ga éisdeachd, agus thug e faisg air da uair de thim a liubhairt na h-òraid. Tha e uaithe sin a’ cur cuairt air bailtean Nobha Scotia ’s Eilean a’ Phrionnsa. Tha e air tigh’nn am folais, le litrichean a fhuaireadh an tigh an riaghlaidh am Pretoria, an deigh am baile ’ghlacadh, gu robh dithis no triùir de bhuill pàrlamaid Bhreatunn a’ toirt misnich do Chrugar ’s do na Boerich mu ’n do thòisich an cogadh. Am measg chàch, bha an Dotair Cleireach, a tha suidhe air son siorramachd Chataoibh, agus a reir coltais b’e aon cho dona ’sa bh’ ann dhiubh. Tha an duin’-uasal sin a nise ’ga fhaotainn fhéin ann an suidheachadh nach eil fior thoilichte. Tha na paipearan ’s an sluagh air tionndadh ’na aghaidh, agus an la roimhe bha e air a chur an cunnart le àireamh de mhuinntir a shiorrachd fhéin. Mur b’e gun do sheas caraid dha ’ga dhion le daga ’na làimh bha iad air droch dhiol a dheanamh air. Tha an riaghladh a cur air chois ann an Eilean a’ Phrionnsa, tri àiteachan air son ramhrachadh chearc, an Charlottetown, Mount Stewart, ’s an Alberton. Bidh na h-eòin, a’ fàgail nan àiteachan sin, deiseil air son an cur gu margadh, agus gheibhear pris mhath orra. Tha fear Niall Mac Aidh, a bha fuireach ann am Caledonia Mines, air chall o Dhi satharna s’a chaidh. Thatar a siubhal an àite ’sa feuchainn na h-acarsaid air a shon, ach gu ruige so cha d’ fhuaireadh beò no marbh e. Bha e mu leth-cheud blìadhna dh’aois, agus dh’fhàg e bean us teaghlach. Bhuineadh e do French Vale, ach bha e o chionn treis a dh’uine ann an Caledonia, ag obair ’sa mhèinn. Tha cuideachd iaruinn Nobha Scotia an deigh a’ Mheinn a Tuath a cheannach. Phaigh iad millean gu leth dolair oirre. Tha dòchas aig muinntir Sidni Tuath gu bheil a’ chuideachd a’ dol a chur air chois obraichean iaruinn anns a bhaile sin a bhios cho mor ris na h-obraichean a tha dol air chois an Sidni. Ma nithear sin bidh soirbheachadh da-rireadh ann an Ceap Breatunn. Ma gheibh thu cuibhrig is paipear litreach anns an àireamh so dhe ’n MHAC-TALLA, na dean dearmad air an cur gu feum gun dàil. Tha sinn fior fheumach sir an airgead; tha cosgais mhor ann a bhi ’cur am mach a’ phaipeir, agus feumaidh gach aon a tha ’ga ghabhail a phàigheadh, air neo cha soirbhich leinn. Ma phàigh thu fhéin cheana, feuch ri fear-gabhail ùr fhaighinn, agus cuir an cuibhrig ’sam paipear gu feum a’ cur air adhart aa dolar. Chaidh fearr Iain Powers, a mhuinntir Newfoundland, a bhàthadh aig Aiseag Mhira, maduinn Di-ciaduin. Bha e ag obair air litheadh na drochaid, agus thuit e an comhair a chùil dh’an uisge, agus ghiulan an sruth air falbh e. Bha daoin’ eile ’g obair comhla ris ach cha b’urrainn daibh cuideachadh sam bith a dheanamh leis. Fhuaireadh a chorp beagan romh mheadon-latha. ’S e so an seachdamh fear a mhuinntir Newfoundland a chaill a bheatha ann an Ceap Breatunn o chionn beagan us mios. Chaidh fear eile, Uilleam Marshall, a mharbhadh ann am meinn an Dominion Di-haoine s’a chaidh. Tha ’n t-Exhibition bliadhnail ri bhi air fhosgladh ann a’ Halifacs Di-ciaduin s’a tighinn, agus bidh e fosgailte gus an fhicheadamh latha dhe ’n mhios. Tha seachd mile deug dolair ri bhi air a thoirt seachad mar dhuaisean do thuathanaich ’s do luchd-ceairde na dùthcha. Tha air an turus so duais ri bhi air a toirt seachad air son deanamh ime. Gheibh gach neach a dh’ fheuchas tomhas de dh’ uachdar, a dh’ fheumas e (no i) a mhaistreadh, a shaileadh ’sa dheanamh deiseil gu chur am feum am fianuis an t-sluaigh, agus an neach a bheir a bhuil a’s fhearr as an uachdar ’s is luaithe bhios ullamh ’se gheibh an duais. Tha duais dhe ’n t-seòrsa cheudna ri bhi air a thoirt air son deanamh lin. Tha sinn a’ creidsinn gur math is fhiach an da chuid am faicinn. $7.00 A Phris air am bheil sinn a’ creic deise mhath “D. B.” de Chloth cloimhe. Ma tha deis’ ur a dhith ort, ’s gu bheil thu air son luach t’airgeid fhaighinn, cha’n eil aite ’s an fhusa dhut sin a dheanamh na anns an stor againne. Na ceannaich air chor sam bith gus am faic thu an stoc a th’againn. 30 paidhir de BHROGAN DEARGA BHAN, “OXFORDS” a b’abhaist a bhi $3.00, a nise $1.95 25 paidhir de BHROGAN OBRACH a b’ abhaist a bhi $1.50, a nise $1.32 100 paidhir de THRIUBHSAIREAN matha “TIVERA” a thatar a creic ann an storaichean eile air 98c. agus $1.25, a falbh air 79c. Gheibh thu t’airgead air ais mur bi thu riaraichte. H. H. Sutherland & Co. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN, AIR an t-seachdain so a’ fosgladh Seomar Dhealbh ur os cionn stor Aonghais mhic Ghuaire. Bidh an Seomar Dhealbh so air aon cho math ’sa tha ann an Nobha Scotia. Tha gach dealbh a mithear ann dhe’n t-seòrsa ’s fhearr. Tha sinn a toirt cuireadh do na h-uile taghal a stigh a dh’fhaicinn sampuill dhe ar n-obair. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 78] [Vol. 9. No. 10. p. 6] SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. II. A dh’ aindeoin cho soilleir ’s gu ’n robh righ Phersia a’ nochdadh a chaoimhneis agus a ghraidh do ’n bhoirionnach og, mhaiseach a cheannaich e, cha tigeadh facal as a ceann, agus cha togadh i a suilean bhar an lair. Bha so a’ cur ioghnaidh gle mhor air; ach mur an robh an tlachd a ghabh e dhith a’ dol na bu mho, cha robh e ’dol dad na bu lugha. Chuir e roimhe gu ’m biodh e cho ciuin ’s cho caoimhneil agus cho tlachdmhor rithe ’s a rachadh aig’ air, ann an dochas gu ’n tigeadh i ri uine gu bhith cho saorsnail ’s cho comhraiteach ris ’s bu mhiann leis. Bhuail e a dha bhois ri cheile, agus gun dail thainig na mnathan a bhiodh a’ frithealadh a steach do ’n t-seomar. Dh’ ordaich e dhaibh an t-suipear a chur air a’ bhord. Thuirt e rithe-se, “Thig a nall a ghaoil mo chridhe agus gabhamaid ar suipear.” Dh’ eirich i air a socair, agus shuidh i m’ a choinneamh aig a’ bhord. Thug e dhi am biadh mu ’n do bhlais e fhein air. Gabh i na thainig rithe dhe ’n bhiadh cho toileach ris an righ fhein; ach cha do sheall i air, agus cha mho a thuirt i aon fhacal ris. Dh’ fheoraich e uair is uair dhith an robh am biadh a’ cordadh rithe, agus an robh e air a dheasachadh a reir a miann, ach cha do leig i oirre gu ’n cual’ i facal dhe na labhair e. Gus atharrachadh a thoirt air a’ chomhradh, dh’ fheoraich e dhith co dh’ ainm a bh’ oirre, cia mar a bha ’n seomar agus an t-innsreadh agus an sealladh a bha o ’n uinneig a’ cordadh rithe? Ach cha d’ thug i uiread is freagairt air. Cha robh an righ a’ tuigsinn idir c’ ar son nach robh i ’g a fhreagairt. Bha e ’smaointean an toiseach gur e balbhan a bh’ innte. Ach thuirt e ris fhein, “Am bheil e comasach gu ’m biodh creutair air an do bhuilich an Cruithfhear a leithid de mhaise agus de thlachd agus de bhuadhan nadair eile, neo-chomasach air bruidhinn a dheanamh? Ma ’s e balbhan a th’ innte, bidh a’ cheart uiread de ghaol agamsa oirre ’s ged a bhiodh i comasach air bruidhinn a dheanamh.” An uair a dh’ eirich an righ o’n bhord, nigh e a lamhan air an taobh air an robh e dhe ’n bhord, agus nigh ise a lamhan air an taobh air an robh i fhein. Dh’ fheoraich e dhe na mnathan a bha ’cumail na meise agus an t-searbhadair ris, an cual’ iad riamh a’ bruidhinn i. Thuirt te dhiubh ris, “Mo thighearna, cha chuala sinne facal as a ceann riamh fhathast na ’s mo na sibh fein. Bha sinn ’ga faragadh, a’ cireadh a cinn, a’ cur uimpe a cuid aodaich, agus a’ frithealadh dhi anns an t-seomar, ach cha d’fhosgail i a bilean ruinn riamh fathast. Cha d’ aithnich sinn riamh oirre co dhiubh a bha i riaraichte le ar frithealadh no nach robh. Dh’ fheoraich sinn iomadh uair dhi, an robh rud sam bith a dhith oirre, agus am bu mhath leatha ordugh sam bith a thoirt dhuinn, ach dh’ fhairtlich oirnn aon fhacal a thoirt as a ceann. Cha ’n urrainn duinn a radh co dhiubh is ann le uamhar, no le bron, no le cion a’ mhothachaidh a tha i ’fuireach samhach. Sin na bheil againn ri innseadh dhuibh m’ a deidhinn.” Chuir so moran a bharrachd ioghnaidh air an righ. Ach air a shon sin, o ’n a bha e ’creidsinn gu’m faodadh gur ann le bron a bha i ’fuireach samhach, chuir e roimhe gu ’n tugadh e dhi a h-uile toileachadh a b’ urrainn e. Air an aobhar sin thug e fa near cuirm mhor a dheanamh, agus fhuair uile mhnathan uaisle na cuitreach cuireadh thun na cuirme. Bha cuid dhiubh a’ cluich air innealan ciuil, agus cuid a’ dannsa, no a’ gabhail oran. Thug iad greis air a h-uile seorsa cur seachad uine a bha freagarrach agus iomchuidh air son an leithidean. Ach b’ ise an aon neach nach robh a’ nochdadh gu ’n robh toileachadh no tlachd aice ann an ni no ann an neach sam bith a bha ’n taobh a staigh dhe ’n dorus. Cha do ghluais i as an aite ’s an robh i ’na suidhe, agus cha do thog i a suil bhar an lair fad na h-uine. Chuir an doigh a bh’ aice a cheart uiread a dh’ ioghnadh air na mnathan uaisle ’s a chuir i air an righ fhein. An uair a sgaoil an cruinneachadh, agus a chaidh gach te d’ a seomar fhein, chaidh an righ agus am boirionnach og maiseach a laidhe do’n aon seomar. An uair a dh’ eirich an righ ’s a’ mhadainn, bha e na bu toilichte na bha e fad uine mhor roimhe sid, agus bha barrachd meas aige air a’ bhoirionnach og na bha aige roimhe. Shuidich e ’na inntinn an lath’ ud fhein nach biodh bean aige ach i fhein. Thug e airgiod is seudan gu leor do na mnathan a bha aige roimhe, agus thug e dhaibh cead a bhith falbh, agus posadh ri fear sam bith a thogradh iad. Chum e na seana mhnathan gus a bhith ’frithealadh do ’n mhnaoi oig. Bha iad bliadhna posda mu ’n dubhairt i aon fhacal ris; ach air a shon sin bha esan a’ nochdadh a chaoimhneis agus a ghraidh dhi cho math ’s ged a bhiodh i ’na boirionnach cho comhraiteach ’s a b’ urrainn a bhith. An deigh dhaibh a bhith bliadhna posda, bha an righ air lath’ araidh ’na shuidhe ri ’taobh, agus e leigeadh ris dhi gu ’n robh e cho gaolach oirre ’s a bha e riamh. Thuirt e, “Mo bhanrigh, cha ’n urrainn mi do smaointeanan a thuigsinn. Ach air m’ fhacal tha mi cho sona ’s a tha ’n latha cho fad riamh o ’n a fhuair mi greim ort. Ged a tha mo rioghachd mor agus luachmhor ’nam shealladh, tha mi ’ga meas mar neoni an coimeas ri bhith ’g ad fhaicinn-sa, agus a bhith ’g innseadh dhut gun fhois gu’m bheil tlachd anabarrach mor agam dhiot. Cha ’n ann le briathran a mhain bu mhiann leam a leigeadh ris dhut gu ’m bheil tlachd ro mhor agam dhiot. Is cinnteach nach ’eil a nis teagamh sam bith agad anns a’ chuis an deigh dhomh moran mhnathan a chur air falbh as an luchairt a chionn gu ’m bu tusa bu docha leam na iad uile. Tha cuimhne agad gu ’m bheil a nis bliadhna o ’n a chuir mi air falbh iad; agus cha ’n ’eil dad a dh’ aithreachas orm an diugh na ’s mo na bh’ orm an latha ’chuir mi air falbh iad; agus cha bhi gu brath. Bhiodh m’ aoibhneas coimhlionta na ’n labhradh tu aon fhacal rium leis an leigeadh tu ris dhomh gu ’m bheil thu fo chomain dhomh. Ach cia mar a bhruidhneas tu rium ma tha thu balbh? Agus, mo thruaighe! tha eagal mor orm gur ann mar sinn a tha. Cia mar is urrainn mi teagamh a chur ann, o ’n a tha thu fhathast a’ cur cradh air mo cridhe, an deigh dhomh a bhith fad bliadhna ’guidhe ort labhairt rium? Ma tha e neo-chomasach gu ’m faigh mi an toileachadh sin, gu ’n deonaicheadh Dia dhomh gu ’m faigh mi mac uat a bhios a’ riaghladh na rioghachd an deigh mo bhais. Tha mi ’g am fhaireachadh fhein a’ fas sean a h-uile latha, agus tha mi mar tha a’ faireachadh gu ’m bheil feum agam air aon a chuidicheas mi gus uallach na rioghachd a ghiulan. Gidheadh feumaidh mi aideachadh gu ’m bheil deigh mhor agam air thusa chluinntinn a’ bruidhinn; oir tha ni eiginn an taobh a staigh dhiom a tha ’toirt orm a chreidsinn gu ’n teid agad air bruidhinn a dheanamh. Agus tha mi ’guidhe ort, mo bhean ghaoil, gu’n labhair thu aon fhacal rium; agus ’na dheigh sin tha mi coma ged a gheibhinn an grad bhas.” Ged a bha i do ghnath ag eisdeachd ris an righ agus a suil air an lar, agus ged a thug i h-uile aobhar dha air a bhith creidsinn nach b’e mhain gu’n robh i balbh, ach mar an ceudna nach d’ rinn i gaire riamh, thainig fiamh gaire air a gnuis an uair a chual’ i mar a labhair e. Thug an righ an aire dhi, agus ghlaodh e ’mach le aoibhneas mor. Cha robh teagamh aige tuilleadh nach robh i ’dol a bhruidhinn ris, agus bha e miannachadh gu laidir gu ’n grad bhruidhneadh i ris. Mu dheireadh labhair i ris mar so: “Mo thighearna, tha leithid agam ri innseadh do ’r morachd ’s nach ’eil fhios c’aite an toisich mi. Ach anns a’ cheud aite tha e mar fhiachan orm moran tainig a thoirt dhuibhse air son a liuthad fabhar agus urram a chunnaic sibh iomchuidh a bhuileachadh orm, agus a ghuidhe gu ’n deonaicheadh Dia bhur beannachadh, agus soirbheachadh mor a thoirt dhuibh anns gach doigh; agus casg a chur air gach droch run a th’ aig bhur naimhdean dhuibh; agus gu ’n leigeadh dhuibh am bas fhaotainn an deigh dhuibh mise ’chluinntinn a’ bruidhinn; ach bhur laithean a shineadh gu mor. A nis, feumaidh mi innseadh dhuibh, mo thighearna, gu ’m bheil mi leithtromach; agus tha mi creidsinn gu ’n toir so toileachadh mor dhuibh. Agus tha mi ’n dochas gur e mac a bhios ann. Mur tachradh dhomh a bhith anns an t-suidheachadh so, bha mi lan shuidhichte nach tugainn gradh dhuibh am feasd, agus nach mo a theirinn aon fhacal ribh ri mo bheo. Ach a nis tha uiread de ghradh agam dhuibh ’s bu choir dhomh.” Bha aoibhneas do-labhairt air an righ, araon a chionn gu’n do bhruidhinn i ris, agus gu ’n d’ innis i dha mu Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 79] [Vol. 9. No. 10. p. 7] ’n t-suidheachadh anns an robh i. Agus an deigh dha a glacadh ’na lamhan, agus a cniodhachadh gu caomhail, thuirt e rithe, “A ruin mo chridhe, cha ’n ’eil e comasach gu ’m faighinn aobhar gairdeachais a’s mo na do bhriathran taitneach a chluinntinn ag innseadh dhomh mu ’n t-suidheachadh anns an bheil thu, agus gun duil agam ris. Tha mi an impis a dhol as mo chiall leis an aoibhneas a th’ orm.” Cha dubhairt an righ an corr rithe aig an am. Ghrad chaidh e mach as an t-seomar; ach thuig i nach biodh e fada gun tilleadh. O’n a bha toil aige gu ’m biodh an t-aobhar gairdeachais a bh’ aige air a dheanamh follaiseach, dh’ innis e mar a bha do na h-oifigich, agus chuir e fios air an ard-chomhairleach. An uair a thainig an t-ard-chomhairleach, dh ’ordaich an righ dha mile bonn oir a thoirt do na daoine bochda a bha ’g aideachadh na diadhachd, agus uiread eile a thoirt do na taighean-eiridean, agus do na diolacha-deirce a bha anns a’ bhaile, mar chomharradh air a thaingealachd do Dhia air son a mhaitheis agus a chaoimhneis dha. Gun dail sam bith rinn an t-ard-chomhairleach mar a dh’ aithin an righ dha. Thill an righ air ais far an robh a’ bhan-righ, agus thuirt e rithe, “A bhaintighearna, tha mi ’g iarraidh mathanais air son falbh am mach cho cabhagach: ach is ann agad fhein a bha choire. Tha mi ’n dochas gu ’n dean thu nis greis mhath chomhraidh rium mu thimchioll nithean air am bu mhath leam fiosrachadh fhaighinn. Innis dhomh, a ruin mo chridhe, ciod e an t-aobhar mor a bh’ agad air fuireach ’na do thosd fad bliadhna iomlan ged a bha mise a h-uile latha bruidhinn riut, ag itheadh ’s ag ol maille riut, agus a’ cur seachad na h-earrann bu mho dhe ’n latha ’s dhe ’n oidhche ’na do chuideachd? Gun ghuth a thoirt air mar a bha thu ’na do thosd, cha ’n ’eil mi tuigsinn idir cia mar a chaidh agad air mise a chumail ann an ain-fhios air co dhiubh a bha no nach robh thu riaraichte leis na comharran lionmhor a bha mi toirt seachad air meud a’ ghraidh a bh’ agam dhut. Air an aobhar sin, feumadh gu ’n robh aobhar ro shonraichte agad air a shon” (Ri leantuinn.) TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies ’S mor àireamh na muinntir sin d’am bu chòir a bhi ’cuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil ga ’dheanamh sin. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. [TD 80] [Vol. 9. No. 10. p. 8] ORAN. (DO SHIR DOMHNALL SHLEITE.) Tha tasgaidh bhuam an diomhaireachd Bho chionn an fheadh so bhliadhnachan; Cha’n airgiod glas, ’s cha’n iarann e, Ach ridire glic riasanta, Le meas is misnich iarlachan; Bhon fhuair mi ’nis le iarraidh i, Gu’n riaraichinn Sir Domhnall. Mo bhile maiseach tarbhach thu, Mo chleasan snuadh-ghlan dealbhach thu, Mo ghibht ro phriseil, ainmeil thu. Bhon chuimhnich mi air seanachas ort, B’i ’n di-chuimhn’ mur a h-ainmicht’ thu; ’S nan leiginn bhuam le dearmad thu, Gu dearbh cha b’ i a chòir e. Is craobh de ’n abhull phrìseil thu; De ’n mheas bu bhlasda brioghalachd; Bu dosrach an am cinntinn i ’S a chioll nach robh an crionach innt’, Nam b’ urrainn ’lorg do shinnsre mi, Gu’n robh mi dhaibh cho dichiollach ’S gu’n innsinn ump’ na b’ eol domh. Bhiodh sliochd Iain mhoir Mhic Cathain leat, Is an dream rioghail Leathanach, ’Bha uasal, uallach, aighearach, ’S bu chruadalach ri labhairt orr’, Is fir Chinntire ’s Latharna, Gur mairg luchd beurla bhrathadh tu, ’S na maithean sin an tòir ort. A Eirinn uaine dh’éireadh leat Iarl Antruim nan each eutroma, Le ’ghaisgich chalma, gheur-lannach; Gur h-iomadh aon a dh’eireadh leat, Cha b’ aithne dhomh co dh’euradh thu; Nam bitheadh foirm air t’fheumalachd, Gu’n eireadh iad gu d’ chòmhnadh. Siol Chuinn, is Airt, is Chormaic leat, Is Cholla chis-mhoir arraiceasaich, ’Bha sluaghmhor, duais-mhor, armailteach, ’Bu chrudalach is fearg orra, Ri tarruinn suas gu fear-bhuilleach, Ri luingeas luatha, gheal-bhreideach, Air fairge leo a seoladh. Mac-Fhionghain ’s fir an t-Sratha leat, Mac-Neill is fir sin Ra-arsair, Nach diultadh air thus catha leat, A chuireadh ruaig gun fhathamas, ’S a leanadh toir gun athadh orr’; Nan doirteadh crùn no cliadheabh dhiot Gu’n rachadh iad gad’ chòmhnadh. Mac Iain ’s Moirear Tairbeirt leat, Fir bhealaichean Bhraid-Alba leat; Bu lionmhor curaidh calma leat ’Dol sios an tùs na h-armailte. Bu bhuilleach, guineach, marbhteach iad; Gu’n eireadh fir nan Garbh-chrioch leat, ’S na Camaranaich bho Lochaidh. Gu’n éireadh air a chùl sin leat, A thaobh do mhathar chùramaich, Gu ’n eireadh leat na Dùghlasaich, Le fichead mile diulannach; Cha tilleadh luaidh ’neo fùdar iad; Gu bheil iad dhuit cho dùrachach ’S nach diultadh iad tigh’n còmhl’-riut. Cha chadal ach bhith ’m dhùsgadh dhomh, Gur leat an Caiptin Muideartach, ’S na dh’ eireadh leis de dh’fhiuranaibh, Fo d’ bhrataichean gu dùthchasach; Bhith ’m baitealan cha diultadh e, ’S a réir mo bheachd bhiodh biuthas Air a chùis mu ’m biodh sibh deonach. Gu ’n cuala mi aig seanachaidhean, Gun d’rinneadh cùis a dhearbhadh Fo ’r n-iarlachan treun, armailteach. ’S an am sin cha bu chearbach sibh, Bu chliuiteach sibh is b’ainmeil sibh; Bha tuilleadh is leth Alba leibh, Ga ’shealbhachadh le còir air. A righ gu ’m meal thu ’n staoil agad, ’S gach fearann a tha ’n oighreachd dhuit, An seann Duntuilm bu mheadhraiche— Bhiodh coinnlean céir an lainntearan, ’S bhiodh fion bu bhlasda caoimhnealachd Am piosan dathte, faidhreachail, ’S taigh mhaiseach, aoidheil, cheol-mhor. ’Sa chùirt bu lionmhor soillsearan, Far ’m faighteadh gniomh nam maighdeannan Air brataibh sioda fraoidhneasach, ’S an gùintean sios air stàidhrichibh, ’S an tùr ro chliuiteach, aoidheil ud, Gu’n dugteadh comhnadh ’s aoidheachd Do luchd ainneart thig air fògradh. Buan-phailt gu’m biodh an saoghal so Do’n dalt a rinn mo dhaoine dhomh, ’S a chinn air snas an ionracais, Bu mhisneachail an caonnaig thu, Bu mheasail thu mar ghlaoidhteadh riut, Gun bheud, gun mheath gun mhaolachadh; ’S i ’n aon te ’thog an tòs sinn. Gu’n deanadh Criosd deagh rathad dhuit, ’S a shiochaint a bhi maille riut, ’S tu ’n t-siol bha rioghail, flathasach; Bu riomhach am mac athar thu, Bu chliu gach cùis bha’n ceangal riut; Is air a mheud ’s gam faigheadh tu, Gu’n caitheadh tu gu mòrail. Gabhar leisgeul a’ chòcaire air son mearachdan eile ma bheir i dhuinn deagh chupa ti. Le Union Blend Tea theid aice air sin a dheanamh uair sam bith. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 81] [Vol. 9. No. 11. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 14, 1900. No. 11. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XV. THAINIG COBHAIR BHO NEAMH. Shuidh Màiri sios air a’ chloich aig taobh a’ bhalla, ann an dubhar nan craobhan arda giubhais, agus shuadh i a sùilean le ’neapaigin, a bha nise fliuch leis na deoir. Bha a cridhe air a mhuchadh le bron, agus cha ghabh e innseadh cho durachdach ’s cho dealasach ’sa bha i ’g urnaigh. “O, mo Dhia,” thuirt i, le guth bronach, “nach ’eil aingeal agad a sheallas domh an rathad ’s an coir dhomh triall?” Anns a’ cheart àm sin chual’ i guth boidheach ag radhainn a h-ainm: “’Mhairi, ’Mhairi!” Sheall i suas le geilt ’s le ioghnadh; chunnaic i aghaidh bhoidheach, shoilleir, coltach ri aingeal, suilean bha lasadh le caoimhneas, gruaidhean daithte mar bhlath ubhail, ceann ’us guailnean air an leth-fhalach fo dhualan de dh’ fhalt or-bhuidhe, an com air a chomhdach ’an deise cho geal ris an t-sneachda—bha an samhla soilleir, comharraichte so na sheasamh ma coinneamh an solus na gealaiche. Chrith Màiri, thuit i sios air a gluinean, agus ghlaodh i a mach: “O, mo Dhia, gu de tha mi ’faicinn! An d’ thainig aingeal as nam flaitheas ’gam chuideachadh!” “A Mhàiri ghaolaich!” fhreagair an samhla, “cha ’n aingeal mise; cha ’n ’eil annam ach creutair talmhaidh mar tha thu fhein, gidheadh tha mi tighinn ’thoirt cuideachaidh dhuit. Dh’ eisd Dia ri d’ urnaigh. Coimhead gu math orm feuch an aithnich thu mi.” “Dia bhos mo chionn!” ghlaodh Màiri; “O, ’si, ’si a th’ ann, a Bhan-Iarl’ Amelia! Ciamar a thainig sibhse, a bhaintighearn’ urramaich, ’san àite eagallach so an àm so de ’n oidhche, cho fada bho ’ur dachaidh?” Thog a Bhan-iarla gu socrach o’n lar i, ghlac i i ’na lamhan, phòg i air falbh a deoir, agus thubhairt i, “A ghaoil, a ghaoil, a Mhàiri! Rinn sinne gle chearr ortsa! Is dona ’chaidh an toileachadh a thug thu dhomhsa, uair ’gan robh an saoghal, leis a bhascaid so, a phaigheadh. Ach thainig do neo-chiontas, ma dheireadh, an uachdar. O, saol an urrainn thu mathanas a thoirt duinn? mathanas a thoirt do m’ pharantan ’us dhomhsa? Ni sinn an call suas cho math ’sa ’s urrainn duinn. Thoir mathanas duinn, a Mhàiri a ghraidh!” “Na bi labhairt ’san doigh sin, a bhaintighearn’ urramaich,” fhreagair Màiri, ’s na deoir a ruith o sùilean. Bhuin sibh gle chairdeil rium, an lorg na mearachd bhochd a chaidh a dheanamh. Cha do smaointich mise riamh air gamhlas a bhi agam ruibh; bha mi a ghnath a smaointinn le gradh ’s le taingealachd air cho math ’sa bha sibh dhomh. Is e bha ’ga mo ruigheachd gu m’ chridhe gu ’n robh sibhse, a bhaintighearna ghradhaich, agus ’ur parantan fiachail a smaointean nach robh annam-sa ach creutair suarach, aingidh. Is e bha mi miannachadh, os cionn a h-uile rud, gu ’n tuigeadh sibhse gun robh mi neo-chiontach, agus dheonaich Dia am fabhar sin a dheanamh rium. Moladh d’a ainm!” Rinn a Bhan-Iarla greim daingeann air Màiri fad uine, agus bha a deoir a sileadh gu dluth. Leig i ’suil an sin air an uaigh aig a casan, chuir i a lamhan an glacaibh a cheile gu daingeann, agus le cridhe bronach thubhairt i: O, ’dhuine ghràdhaich, urramaichte, tha thu ann ad shineadh an so ’san talamh fhuar, thusa dha ’n d’ thug mi gradh o m’ òige; thusa ’rinn a chreathal ’s na charadh mi ’n am naoidhean; ’si ’bhascaid so, do thabhartas deirionnach dhuinne, a dh’ aobharaich do bhàs. O, nach robh thu fhathast beò! los gu ’m faodainnsa sealltainn aon uair eile ’nad ghnuis, agus gu ’n iarainn mathanas airson an eucoir a rinn sinn oirbh! O, nam bitheamaid ’nar faicill ni b’ fhearr agus barrachd earbs’ a chuir a d’ onair dhearbhte, a sheann-duin’ fhiachail, cha bhitheadh tu ’n ad shineadh an sin, bha thu fhathast beò ’nar measg! O, thoir mathanas duinn; ’an so aig d’ uaigh tha mi ’gealltuinn airson mo phàrantan, an call nach urrainn duinn a dheanamh suas dhutsa, gu ’m páigh sinn e dubailte dha d’ nighinn! O, thoir mathanas duinn!” “Mo chreach! a bhaintighearna urramaichte,” arsa Màiri, “cha robh an gamhlas bu lugha aig m’ athair uair sam bith ri aon de ’n teaghlach agaibh. Gach maduinn ’us feasgar bhiodh e ’g urnaigh air ur son, mar bu ghnath leis, an Ichburg. Bha e ’toirt a bheannachd oirbh eadhon ’se dol a dh’ ionnsaidh a’ bhàis. ‘A Mhàiri,’ ars’ esan, beagan mu ’n do chaochail e, ‘tha mi creidsinn gu laidir gu ’n tuig ar bean-churaim urramaichte fhathast nach ’eil thu ciontach, agus gu ’n ordaich i do thilleadh far d’ fhograidh. Innis, ma ta, do ’n Iarla choir ’s do ’n Bhan-Iarla ’s do dh’ Amelia, a bha mi ’giulain cho tric na leanabh air mo ghairdeanan, gu ’n robh, gu uair mo bhàis, mo chridhe lan de speis, de ghradh, ’s de thaingealachd dhaibh.’ Creid mi, a bhaintighearn’ urramaichte, b’ iad sin na ceart fhacail a thubhairt e.” Is ann a nise ’thoisich a Bhan-Iarla air gal da rireadh; ma dheireadh thubhairt i: “Trobhad, a Mhàiri, suidh sios lamh rium air a’ lic so. Cha ’n urrainn mi ’n uaigh so fhagail fhathast. Tha an t-àite so cho sitheil ri flaitheanas fhein; tha beannachd d’ athair ag iathadh mu ’n cuairt duinn!” CAIB. XVI. MAR A THUIT DO ’N BHAINTIGHEARN’ AMELIA TIGHINN AN RATHAD. ’Nuair a shuidh iad air an lic ’sa chuir Amelia a lamh mu ’n cuairt air Màiri, thubhairt i: “Tha e ro shoilleir gu bheil Dia maille riut, a Mhàiri; ’s ann an doigh gle iongantach a chuir E mis’ an rathad gus do chuideachadh. Feumaidh mi, ’sa chiad àite, innse dhut ciamar a thachair sin. Thainig a chuis mu ’n cuairt gu nadurra agus gu faoin, ach gidheadh, an doigh iongantach, a tha sealltuinn ceartas Dé. “Bho ’n àm a fhuair sinn a mach gu ’n robh thu neo-chiontach, cha robh sith no fois agamsa. Bha thusa agus d’ athair daonnan fa chomhair m’ inntinn. Creid mi, a’ Mhàiri, ’s iomadh deur a shil mi air do shon. Bha mo phàrantan a foirbheis air do shon anns gach cearn, ach cha b’ urrainn duinn guth a chluinntinn mu d’ dheighinn. Bho cheann tri latha thainig m’ athair, mo mhàthair ’s mi fhein gu caisteal an righ, anns a choille so, faisg do ’n bhaile. Tha ’n caisteal air a leigeadh suas bho cheann fhichead bliadhna, agus cha ’n ’eil a fuireach ann ach am maor-coille. Tha m’ athair, mar tha fios agad, na ard mhaor-coille, agus tha e mar fhiachaibh air an drasda cordadh a dheanamh a thaobh connsachaidh tha mu chriochan fridhean a’ phrionnsa. Bha e fad an lath’ an diugh ’sa choille comhla ri da thighearna de choigrich, a thainig air an turus cheudna. B’ fheudar dha m’ mhàthair am feasgar a chuir seachad comhla ris na mnathan uaisle agus ri nighean fear de na tighearnan. Bha mise ro-thoilichte nach robh feum ac’ ormsa, oir cha toigh leam an doigh ’sam bi an fheadhainn ud a cur seachad na h-aimsir. Bha ’m feasgar cho ciuin ’s cho briagha as deigh teas an latha; chaidh a ghrian fodha cho gaolach ’s an aird-an-iar, air cul na coille dhorcha, ghiubhasach, a th’ air a breacadh an sud ’s an so le creagan aillidh; agus bha mi air mo thogail cho mor le dreach is coltas an aite ’s gu ’n d’ iarr mi cead sgriob a ghabhail ann am fionnaireachd an fheasgair. Dh’ fhalbh nighean a mhaoir comhla rium. Choisich sinn romh ’n bhaile bheag; bha geat’ a chladha fosgailte: bha na leacan-uaigheach a soillseachadh le gaithean na gréine a bha nise dol fodha. Bu toigh leam riamh a bhi leughadh an sgriobhaidh air leacan-uaigheach. Dhruigheadh e orm gle mhor a bhi leughadh mar a dh’ fhalbh an gille no ’n nighean òg, am blath na h-òige, agus bithidh mi faireachdain seorsa do thoileachadh bronach ’nuair a leughas mi ainm nam feadhnach a fhuair aois mhor. Tha na ceathramhnan a th’ air na leacan, cuideachd, ged tha iad air an cuir sios car mi-dhoigheil, air an sgriobhadh le deagh run, agus togaidh iad deagh smaointean annam; agus tha gach sgriob a th’ air mi do ’n chladh na bhuannachd mor dhomh gus caithe-beatha ni’s fhearr a leanailt as deigh sin. “Chaidh sinn a steach do ’n chladh. ’Nuair a leugh mise chuid bu mhotha de na sgriobhaidhean, thuirt nighean a’ mhaoir rium: ‘Seallaidh mi dhut a nise uaigh tha fior bhoidheach—uaigh duine bhochd—aig nach ’eil leac idir, no sgriobhadh, ach tha gaol dleasnach a nighinn ’ga sgeudachadh na ’s fhearr na ealain an fhir-ghrabhalaidh. Faic thall ud, fo dhubhar nan craobh, am preas ròs fo bhlath, agus a’ bhascaid bheag, bhoidheach fhlùrs air an uaigh!’ Chaidh mi suas ri taobh, agus cha b’ urrainn mi gluasad á larach nam bonn le ioghnadh. Air a chiad shul dh’ aithnich mi a’ bhascaid a bha mi feorach mile uair ma deighinn as deigh dhuibh [TD 82] [Vol. 9. No. 11. p. 2] falbh á Ichburg. Bheachdaich mi ni bu dluithe oirre: ’s i bh’ ann gun teagamh, agus ged a bhithinn an teagamh mu deighinn bha na litrichean, ceud litrichean m’ ainme, ’na dhearbhadh gu leor gu ’r i a bh’ ann. Thoisich mi an so ri faoighneachd mu d’ dheighinn fhein ’s mu d’ athair. Dh’ innis nigheann a’ mhaoir dhomh mar thainig sibh thun Baile na Craoibh Ghiubhais, mar a dh’fhas d’ athair tinn, agus cho muladach ’sa bha thusa airson a bhais. “Chaidh mi far an robh an sagart-paraisde, agus fhuair mi e na dhuine ciatach. Dhearbh easan gu’n robh gach ni a chuala mi fior, agus dh’innis e dhomh moran tuilleadh mu d’ mhathas-sa. Bha mi airson a dhol gun dail gu taigh an tuathanaich, ach chaidh an uine seachad orm cho ealamh ag eisdeachd ris an t-sagart, agus gu’n d’thainig an oidhche. ‘Gu de a ni mi?’ arsa mise’, ‘tha e tuilleadh is anamoch gu dol ’g a coimhead an nochd, agus feumaidh sinn falbh am maireach ’sa chamhanaich.’ Chuir an sagart fios air a’ mhaighstir-sgoil, dh’iarr e air a dhol gun dail go taigh an tuathanaich agus thusa ’thoirt gu thaigh fhein. “‘An e ’nighean sin, Mairi bhochd?’ ars’ am maighstir-sgoil. Cha ruig mi leas dol cho fada sin ’g a h-iarraidh. Tha i ’n drasda ’caoidh ’s a ’g osnaich aig uaigh a h-athar. Mo thruaighe, a nighean bhochd! Tha mi’n dochas nach cuir am mulad as dhi fhein! Chunnaic mi i tromh’n dorus an am a bha ’n clag a bualadh airson na h-urnaigh fheasgair, agus mi fhein a cuir ceart an t-seann chloc ’s an eaglais fiach an cumadh e air siubhal fhad ’s a bhitheadh na h-urrachan mor ’s an àite.’ “Bha toil aig an t-sagart bheannaichte mo leanailt gu ruig uaigh d’athair; ach ghuidh mis air mo leigeil air falbh leam fhein, chionn bha fios aig mo chridhe gu’n amaisin ort gun seoladh air bith. Dh’iarr mi air an sin a dhol far an robh mo pharantan agus innse dhaibh far an robh mi, los nach bitheadh urad churam orra mu’m dheighinn. Is ann mar so, fo fhreasdal De, a thug an bhascaid fhlurs sinne ’rithisd cuideachd aig uaigh d’athair chaoimh.” “Is ann,” fhreagair Mairi, ’s i toirt suil thaingeil suas go neamh, “’So mar a chunnaic Dia iomchuidh. Ghabh e truas ri m’ dheoir ’s ri m’ chianalais. O, a mhathas agus a ghaol domh-sa! Their daoine nach eil Dia ni’s fhaide a cuir ainglean a thoirt cobhair da chuid creutairean a tha fulang. Ach tha dearbhadh agam a nise, ’n am chàs fhein, gu bheil. Tha e fhathasd a cuir a nuas ainglean [?]riochd dhaoine—creutairean [?]ach, lan baigh ’us truais, coltach ris an bhaintighearn’ uasail, Amelia, a tha le carrantachd bheo ag aotramachadh air an fheadhainn ’tha fulang. ’Se Dia a stiuir do cheumanan an rathad so, agus a threoraich thu thun an ionad so, far an do tharruinn do theachd solas is co-fhurtachd, mar theachdaireachd aingeil.” Chuir Amelia stad oirre ag radh, “Tha mi ’g innse dhut gur e ’n gnothuch a’s mutha tha mise ’toirt fanear ’s a tha ’gam lionadh le geilt urramach ro cheartas De, an ceartas sin a tha, ge nach fhaicear e, a riaghladh beatha gach aon. Faic Ceit, an aon namhaid sin a’s mutha ’th’agad an diugh air talamh, cha robh i am meorachadh no smaointinn air rud sam bith ach cia mar a dh’fhuadaicheadh i thusa as mo chridhe-sa, gus aite a dheanamh dhi fhein ann. Air a shon sin, dheilbh i droch bhriag, agus bha i ’n duil gu’n deach am plot leatha. Ach ma dheireadh, bha bhriag sin mar reusan air i ’chall gu buileach an earbs a bh’againne aisde ’n toiseach, agus air thusa dh’fhas mile uair ni bu ghradhaiche le m’ chridhe na bha thu riamh. Thug i ionnsaidh air thusa ’sgaradh bhuamsa gu brach; bha i ro bhosdail ’nuair chaidh aic’ air do chuir air fògradh fad do bheatha; ann an uaill a h-aingidheachd ’s na ’solas mallaichte thilg i gu ardanach a bhascaid ma d’ chasan; ach aig a cheann ma dheireadh, bha ’n gniomh olc sin—ge beag a shaoil i—na chean-aobhair air sinn a dh’fhaighinn comhla rithisd. Chionn ’s i ’bhascaid ud a leig ris domhsa far an robh thu ’gabhail tamh. Tha e gle fhior, ’n uair tha Dia maille ruinn, is coma co tha ’n ar n’aghaidh; oir tha Dia a tionndadh gach olc, a tha daoine aingidh a feuchainn ri dheanamh oirnn, gu ar math; agus ar naimhdean a’s mutha, ged a bhios iad a strith ri cron, ’s ann da rireadh a deanamh feum duinn a tha iad. Tha ‘ar sabhaladh an lamhan ar naimhdean,’ fior cuideachd ’sa chas so. “Ach innis domh a nise,” ars’ a bhaintighearn’ Amelia, “ciamar a thuit dhut a bhi cho anamoch aig an uaigh, agus de bu choireach thu bhi gal cho tursach.” Dh’innis Mairi mar a chaidh a tionndadh air falbh gu maslach o Bhaile na Craoibh Ghiuthais, rud a chuir ioghnadh as ùr air a’ Bhan-Iarla chaomh. “Gu firinneach,” ars ise, “se Dia a chuir an rathad mi, an uair a bha thusa fo bhron ro-throm, agus ’n ad ’amhghair a’ sileadh dhiar cho dluth, ’s a ’g urnaigh ris cho dian air son cobhair a dheanamh ort. Tha dearbhadh as ùr agad an so air na bha mi ’g radhainn ruit, gu’m beil Dia a tionndadh gu ’r buannachd an t-olc tha ar naimhdean a feuchainn ri dheanamh oirnn. Bha ’bhean chruaidh-chridheach am beachd dolaidh a dheanamh ort, ’n uair a thionndaidh i a mach as a taigh thu. Ach gu’n fhios di-fhein ’s ann a chuir i thu am lamhan-sa ’s an lamhan mo pharantan a bha cho deonach air a cothrom fhaighinn gus do dheanamh sona. “Ach a nise,” ars a bhaintighearna, ’s i ’leanailt air bruidhinn, “tha’n t-am againn ’bhi falbh. Tha mo pharantan a ’toirt ceill dhiom. Tiugainn a Mhairi, a ghraidh, cha leig mi as mo shealladh tuilleadh thu; agus ’s a’ mhaduinn, feumaidh tu falbh comhla ruinn.” Bha Mairi fo bhron ri bhi cuimhneachadh gu’r gann gu’n d’thigeadh i ’n rathad so tuilleadh; dh’fhag i beannachd aig an uaigh ghradhaichte; agus bha e ro-dhuilich leath’ i fhein ag shlaodadh air falbh bhuaipe. Rug a Bhan-iarla gu cairdeil air a gairdean, agus thubhairt i: “Tuigainn, tiugainn, a’ Mhairi, agus bheir leat a’ bhascaid fhlùrs; bithidh mar so cuimhneachan beag agad air d’ athair nach maireann. An aite bascaid, a chuir thusa le gradh dleasnach air an uaigh, cuiridh sinn leac a their toileachadh dhut. Tiugainn, tha thu deonach air sgeulachd an fhàine a chluinntinn; innsidh mi dhuit i air an rathad.” Air gairdeanan a cheile, fo sholus cuin na gealaiche, dh’fhabh iad suas thun an t-sean chaisteil. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. III. Fhreagair i an righ, agus thuirt i, “Gus am fiosrachadh a thoirt do righ Phersia air am bheil iarrtus cho mor aige, smaoinichibh co dhiubh tha no nach ’eil a bhith ann an daorsa, fad air falbh o mo dhuthaich fhein, gun duil sam bith agam ri ’faicinn gu brath tuilleadh,—agus mo chridhe gu bristeadh le bron a chionn dealachadh ri m’ mhathair, ri m’ bhrathair, ri m’ chairdean, agus ri m’ luchd-eolais,—na aobhar mor gu leor air son mi bhith ’na mo thosd fad na bliadhna? Tha gradh do ’n duthaich do ’m buin sinn a’ cheart cho nadarra dhuinn ’s a tha gradh do ar parantan; agus tha bhith ann an daorsa ’na shuidheachadh a tha do-ghiulan do gach aon anns am bheil de thur ’s de thuigse na chuireas luach air saorsa. Gun teagamh sam bith theid aig daoine aig am bheil cumhachd mor ’nan lamhan, air a chorp a chumail ann an daorsa; ach cha ’n urrainnear gu brath an toil agus an inntinn a chumail ann an daorsa. Agus faodaidh bhur morachd sin a thuigsinn do m’ thaobhsa. Is e gnothach iongantach a th’ ann nach do lean mise eisimpleir mhoran eile de chreutairean truagha mi-fhortanach, a tha ’nochdadh gu ’m bheil saorsa toile agus inntinn aca an uair a tha iad a’ cur lamh ’nam beatha fhein, a chum faighinn a lamhan dhaoine a tha ’deanamh ainneart orra.” “A bhaintighearna,” ars’ an righ, “tha mi deimhin gu ’m bheil thu ag innseadh na firinn; ach gus a nis, b’ e mo bharail gu ’m bu choir do bhoirionnach briagha, eireachdail, turail, tuigseach mar a tha thusa, a bha cho mi-fhortanach ’s gu ’n do thachair dhi a bhith ann an daorsa, a bhith ’g a meas fhein gle shona fo riaghladh righ.” “Mo thighearna,” ars’ ise, “mar a dh’ ainmich mi dhuibh mar tha, ge b’ air bith co a bhios ann an daorsa, cha ’n ’eil righ air an talamh a’s urrainn a chumail fo smachd. Ach tha sibhse a’ bruidhinn air boirionnach a tha cho briagha ’s gu ’n toir i air righ tuiteam ann an gaol oirre. Ma thachras dhi a bhith ann an inbhe iosail, is i mo bharail gur coir dhith a bhith ’ga meas fhein gle fhortanach ma ghabhas righ tlachd dhi, ged a bhiodh i ann an daorsa. Ach ma thachras dhi a bhith ann an co-inbhe ris an righ fhein, ciod an sonas a bhios aice, an uair a chi i i-fhein ann an daorsa an deigh dhi a bhith air a toirt air falbh le foirneart o a parantan, agus ma dh’ fhaoideadh, o ’n duine og air an do thuit i ann an trom ghaol, agus nach teid as a h-aire fhad ’s a bhios i beo? Agus an uair a tha ’m boirionnach so ann an co-inbhe ris an righ a cheannaich i, faodaidh sibh a thuigsinn gu ’m bheil i ann an suidheachadh gle dheuchainneach, gle thruagh, agus gle bhronach, agus gu ’m faod i a bhith air a brosnachadh le eu-dochas gu iomadh ni a dheanamh nach ’eil ceart.” Chuir na briathran a labhair i ioghnadh gu leor air righ Phersia, agus thuirt e, “A bhaintighearna, am bheil e comasach, mar a tha mi tuigsinn o do chainnt, gu’m bheil an fhuil rioghail annad? Ma ’s e do thoil e, leig ris dhomhsa, tha mi guidhe ort, na nithean sin gu leir a tha ann an duathar orm. Thoir fios dhomh anns a’ mhionaid co na parantan sona sin a chuir thun an t-saoghail boirionnach cho maiseach riut; co iad do bhraithrean, do pheathraichean, agus do chairdean; agus, os cionn gach ni, co dh’ ainm a th’ ort fhein?” “Mo thighearna,” ars’ ise, “is e m’ ainm, Gulnara a’ Chuain. Agus b’ e m’ athair—ach tha e nis marbh—aon de na righrean cho cumhachadh ’s a bh’ anns a’ chuan. An uair a dh’ eug e, dh’ fhag e an rioghachd aig Saleh, mo bhrathair. Is e nighean righ a tha ’nam mhathair; agus bha ’h-athair air aon de na righrean cho cumhachdach ’s a bh’ anns a’ chuan.” Bha sith iomlan againn air feadh na rioghachd gu leir gus an do thoisich aon de na righrean a bh’ anns a’ choimhearsnachd againn ri farmad a ghabhail ruinn. Thainig e le armachd ro mhor a chogadh ’nar n-aghaidh ’s gun sinn ’n ar faireachadh, agus ghlac e mu dheireadh ceanna-bhaile na rioghachd. Tharr sinne as a lomach air eiginn comhladh ri beagan de dh’ [TD 83] [Vol. 9. No. 11. p. 3] oifigich dhileas a dhluth-lean ruinn an uair a bha sinn ’nar n-eiginn. Rinn mo bhrathair gach ni ’na chomas gu na naimhdean fhuadach am mach as an rioghachd. Air lath’ araidh thug e mise steach d’a sheomar, agus thuirt e, “A phiuthar, faodaidh na gnothaichean a’s lugha ’ghabhas sinn os laimh a dhol uaireannan ’nar n-aghaidh. Is docha nach teid agamsa air na naimhdean fhuadachadh am mach as mo rioghachd, agus is mo a tha de churam orm mu dheidhinn ciod a thachras dhutsa na tha orm mu dheidhinn mo chliu fhein. Air eagal gu ’n eirich beud sam bith dhut, bu ghle thoil leam d’ fhaicinn posda. Ach anns t-suidheachadh thruagh anns am bheil sinn a nis, cha ’n ’eil mi faicinn cia mar is urraiun duit posadh ri aon de phrionnsachan a’ chuain; agus air an aobhar sin bhithinn anabarrach toilichte na’n aontaicheadh tu aon de phrionnsachdan na talmhainn a phosadh. Tha mi deas gus gach ni ’nam chomas a dheanamh a chum so a chur air aghart ma bhios tu fein toileach. Tha mi deimhin nach ’eil a h-aon dhuibh, ciod sam bith cho cumhachdach ’s a tha e, nach biodh gle thoileach do phosadh, o’n a tha thu ’nad bhoirionnach cho briagha.” Bhrosnaich na briathran so a labhair mo bhrathair gu corruich mhor mi. Thuirt mi ris: “A bhrathair, tha fhios agad gu ’n d’ thainig mise, a’ cheart cho math riut fhein, o righrean ’s o bhan-righrean a’ chuain, agus nach ’eil boinne de dh’ fhuil righrean na talmhainn annam. Air an aobhar sin tha mi ’cur romhan nach pos mi fear sam bith a th’ ann an inbhe ’s isle na mi fhin na ’s mo na rinn iadsan; agus cho luath ’s a thuig mi gu ’n d’ thainig mi o theaghlach rioghail a bha ro aosda agus urramach, thug mi boidean nach posainn fear sam bith a bhiodh ann an inbhe na b’ isle na mi fhin. Cha toir an suidheachadh iosal anns am bheil sinn a nis orm mo ruintean atharrachadh. Agus ma chailleas tusa do bheatha ’feuchainn ri do rioghachd a shaoradh o do naimhdean, is fhearr leamsa am bas fhaighinn ’na do chuideachd na deanamh mar a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh.” Bha mo bhrathair ro dheonach gu ’m posainn, agus rinn e na b’ urrainn e gus a thoirt orm a chreidsinn nach robh righrean na talmhainn dad air dheireadh air righrean a’ chuain. Chuir so moran a bharrachd corruich orm, agus labhair esan briathran searbha rium a chuir cradh air mo chridhe. Dh’ fhag e mi cho mi-thoilichte dhiom fhin ’s a b’ urrainn a bhith; agus anns an t-suidheachadh mhi-thoilichte so, leum mi a grunnd a’ chuain suas gu ruige Eilean na Gealaich. Ged a thug an staid mhi-thoilichte anns an robh mi orm a dhol do ’n eilean ud, bha mi ann an tomhas riaraichte leis an t-samhchair a bh’ agam ann. Ach a dh’ aindeoin cho faicleach ’s gu ’n robh mi, thainig duine ro urramach, maille ri aireamh dhe ’sheirbhisich, orm gun fhios domh an uair a bha mi ’nam chadal, agus thug e leis mi dh’ a thaigh fhein. Bha e ag radh gu ’n robh gaol mor aige orm, agus rinn e na b’ urrainn da a chum toirt orm tuiteam ann an gaol air. An uair a chunnaic e nach tugadh gach caoimhneas a bha e ’nochdadh dhomh orm tlachd a ghabhail dheth, dh’ fheuch e ri toirt orm geilleadh dha an aghaidh mo thoile. Ach cha robh mi fad’ a’ toirt air gu ’n do ghabh e aithreachas air son mar a rinn e. Mu dheireadh reic e mi ris a’ mharsanta o ’n do cheannaich sibhse mi. Bha ’m marsanta so ’na dhuine turail, caoimhneil, cneasda; agus fad an turus mhoir a bh’ againn a’ tighinn an so, cha d’ thug e aobhar gearain sam bith dhomh. Agus a thaobh bhur morachd-sa, mur b’e gu ’n do nochd sibh urram mhor dhomh, air son am bheil mi nis a’ toirt moran taing dhuibh, agus gu ’n d’ thug sibh iomadh dearbhadh soilleir dhomh gu ’m bheil gaol mor agaibh orm; agus mur b’ e gu’n do chuir sibh air falbh na mnathan a bh’ agaibh; tha mi ag innseadh dhuibh gu soilleir nach robh mi air fuireach maille ribh. Bha mi air mi fhin a thilgeadh am mach air an uinneig so do’n chuan, agus bha mi mi air a dhol air thoir mo mhathar, mo bhrathar, agus mo luchd-daimh. Mur b’ e gu ’n d’ fhas mi leith-tromach, cha ’n ’eil teagamh nach robh mi air teicheadh air falbh. Ach a nis o ’n a tha mi anns an t-suidheachadh so, cha b’urrainn domh toirt air mo mhathair ’s air mo bhrathair a chreidsinn gu ’n robh mi ann an daorsa aig righ mor cumhachdach mar a tha sibhse. An aite a chreidsinn gu ’n robh mi ann an daorsa, is ann a bhiodh iad ro dhiumbach dhiom a chionn mi thoirt masladh orm fhin. Ach co dhiubh is e mac no nighean a chuireas mi thun an t-saoghail, bheir e orm nach dealaich mi ribhse gu brath; agus air an aobhar sin, tha mi ’n dochas nach bi mi na’s fhaide mar shearbhanta ’n ’ur sealladh, ach mar aon a tha ann an co-inbhe ribh fein.” (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XII. NA GAEIL ANN AN DUNEIDEANN AN DEIGH A’ BHLAIR. ’S gann a bha e trì uairean an déigh a’ bhlàir ’nuair a chunnacas na Cam-Shrònaich a tighinn a staigh do Dhunéideann le’n cuid pìobairean a cluich agus na brataichean a thug iad bho thrùpairean Iain Chop’ aca sgaoilte ri’n crannaibh, a’ cuir an céill do mhuinntir a bhaile gu’m bu leò féin buaidh na teugbhail’. Ach cha tàinig a mhòr-fheachd do Dhunéideann gus an ath latha, agus be sin Di-dòmhnaich. Thàinig na Fineachan n-an aon reang fhada an deigh a chéile a steach aig geat iochdrach a bhaile, le pìoban a’s brataichean, a’s iolaichean buaidh-chaithream, bha na brataichean a thug iad bho’n àrm-dhearg sgaoilte aca ri taobh an cuid brataichean féin, bha na ghlac iad mar phriosanaich de’n àrm-dhearg ag imeachd as an deighe, agus bha iad ma thuaiream a leth cho lionmhor riu féin. Bha air an fhìor dheireadh a’ chobhartach a ghlac iad air an nàmhaid; agus na daoine leòinte ga’n giùlan air cairtean. Cha tàinig Tearlach féin còladh ris a’ mhòr-fheachd, ach thàinig e ma fheasgar a chum lùchairt Rioghail Dhunéideinn, agus rinn mòran de mhuinntir a’ bhaile fhàilteachadh leis gach suaicheantas éibhneis agus meoghail. Aig an àm so ghiulan an Prionnsa e féin gu suairc, air an fheasgar sin [a b’e di-Sathurn,] chuir e fios a chum gach Pears-Eaglais sa’ bhaile dheth gach seòrs’ aidmheil agus creud, gach fear dhiu a thaigh-aoraidh féin a thoirt air; ach an deigh sin cha deach a h-aon de na h-Eaglaisean suidhicht’ fhosgladh air an t-Shabaid, bha na ministearan air teicheadh as a’ bhaile leis an eagal air feasgar di-Sathurn, a thaobh am Prionns’ a bhi air leo, de chreideimh an t-sagairt. ’Nuair a chual’ am Prionnsa so, air an ath dhi-Sathurn, chur e mach an ath ghairm, anns na briathran so:—“Tha ’m Prionns’ ag iarraidh air a phobull dheth gach aidmheil agus creud an ionadan aoraidh fa-leth a thoirt orr’ air an Donach so tighinn, cha ’n eil e na thlachd no na bhuannach dhasan, iad a dh’ fhantainn asda. Tha e mar an ceudna air son a dheanamh aithnichte, nach ann air son ioma-ruaghadh as leth creideimh a thog e ’chlaidheamh ach air son a choir dhligheach, shaoghalta fein.” ’Nuair a chuala na ministearan so chuir iad teachdaire thun a’ Phrionns’ a dh’ fheòraich am faodadh iad Righ Seòras a chuimhneachadh ’n-an ùrnaighean. Chuir am Prionnsa fios thuca, gum biodh òrdugh a thoirt dhaibh sin a dheanamh an aghaidh an aobhair mu ’n do tharruinn e a chlaidheamh, ach a dh’ ainean sin, gun robh e toirt gach dearbhachd dhaibh nach mothaicheadh iad géibhinn sam bith bhuaidhesan air briathran mi-iomchaidh a dh’ fhaodadh iad a gnàthachadh. Ach a dh’ aindeoin gach còmhdaich dh’ an d’ fhuair an luchd-cràbhaidh so bho Thearlach, cha do dhìrich duine dhiù a’ chrannag fad ’sa dh’ fhan am Prionnsa sa’ bhaile ach aon Mhinistear da’m b’ ainm Mac-a-Bhiocair, chaidh esan a shearmonachadh air an ath Shàbaid. An deigh dha an ùrnaigh ghnàthaicht’ a chuir suas air son Righ Deòrsa, chuir e ’n ath achanaich suas as leth a Phrionns’, anns na briathran so,—“Agus air son an oganaich so a thainig ’n-ar measg a dh’ iarraidh cruin talmhaidh, deonaich Thusa bho t’ fhabhor trocaireach dha crun neamhaidh.” Ged do bha iomadaidh dheth na Gàeil ’s an Eaglais ag eisdeach a mhinistear eudmhoir so, agus ged do thuig iad brìgh na labhair e ma Thearlach math gu leòr cha dubhairt iad facal ma dhéibhinn, agus tha mi a làn chreidsinn nach mò chanadh am Prionnsa féin, ged do bhiodh e ga éisdeachd. Air madainn Di-luain, an treas latha fichead de’n mhìos, thug an Prionnsa mu’n airidh a ghairm gu’n robh an t-shlighe réith eadar Dunéideann agus gach àite de ’n dùthaich, agus gun robh esan a toirt a chòmhdaich dhaibh gum biodh iad féin agus an cuid sàbhailt. An deigh so, fhuair na Gàeil òrdugh, iad a dhol a rannsachadh air son àrmachd air feadh a’ bhaile agus na dùthcha mu’n cuairt dà. Thug so cothrom do shlaightearan bradacha, diamhanach, a bha fuireach air sgàth Dhunéideinn, an eadhlain féin a ghnàthachadh le mòr bhuannachd agus thearuinnteachd—rinn gach fear dheth na baobhan bradacha so deiseachan Gàelach dhaibh féin, gus am biodh iad coltach ri feachd nan Gàel, agus thòisich iad air togail cìse bho mhuinntir na dùthcha ann an ainm a’ Phrionnsa, agus toirt caoiteasan sgrìobhta ann an ainm cuid dheth na h-oifigich Ghàelach do cho liugha ’s bho ’n d’ fhuair iad airgead, agus a mhuinntir aig nach robh airgead-laimhe gu thoirt dhaibh, thug iad uapa luacha-peighinn dheth gach ni a b’ fhearr na chéile a fhuaras aca, air uairean ghabhadh iad an t-ìm ’s an càise, a’ cantainn aig an àm cheudna gun d’òrduich am Prionnsa dhaibh na h-uile neach aig nach robh airgead-ullamh a ghnàthachadh air an t-sheòl ud.—Choisinn dol a mach na gràisge so mi-chliù agus gamhlas do na Gàeil air feadh nan dùchanan ud gus an latha ’n diugh—faodaidh mi aithris mar a bha na Gàeil a triall air an aghaidh gun robh iad a fosgladh gach prìosain agus a cuir nan ceannairceach agus gach luchd dòbheairt eile fa-sgaoil, agus b’ iad so a cheart bhuidheann a bha goid agus a spùileadh ann an ainm agus ann an riochd Ghàel. Co-dhiù, thainig air Tearlach gu ’m b’ éiginn da cìs a thogail, thug e air muinntir Dhunéideinn mìle pàileann agus sìa mìle daothainn bhròg a dheanamh dha air son feum na feachda. Thainig a chàin so cho trom a’s gu’m b’ fheudar leth-chrun a chuir air a’ phund-Shasunnach mhàil air gach teaghlach chum na cosgais so a phàigheadh. Bho mhuinntir Ghlasacho, thog e 5500 Pund-Sasunnach.—Ghlac e gach ionbhas a bh’ ann an taighean Cuspainn Lìbhte agus Bhorostoness agus gach àit’ eile mu’n cuairt, agus chaidh a reic air son airgeid ris na smugaileirean, bho ’n d’ rinn na gaidsearan, agus luchd nan taighean Chuspainn a thabhairt. (Ri leantuinn.) [TD 84] [Vol. 9. No. 11. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, £1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh Iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, SEPTEMBER 14, 1900. Tha cùisean ann am Pekin ’nam brochan, agus tha e doirbh ri thuigsinn ciamar a tha ’dol. Tha cuid de na rioghachdan mora deònach am baile fhàgail ma gheibh iad geallaidhean o na Sineich gu’m bi beatha agus cuid nan coigreach sàbhailte, ach tha cuid eile ’tha dhe’n bharail gur fhearr dhaibh fuireach ann. Tha fhios aca air an cosg cho fiachail ’sa bhiodh gealladh dhe’n t-seòrsa sin bho Shineach. Tha na Sineich deiseil gu gealladh sam bith a thoirt, agus bi’dh iad a cheart cho deiseil gu gealladh a bheir iad a bhristeadh cho luath ’sa gheibh iad an cothrom. Cha’n eil sluagh air ùr-uachdar an domhan a bheir barr air na Sineich anns an dòigh sin mur eil na Turcaich. Tha e air a radh gu faigh foighidin furtachd, agus ’s ann le foighidin a mhàin a gheibhear a mach ciod a tha ri bhi air a dheanamh ann an Sina. Aig an àm so cha’n eil moran ’ga dheanamh ach a feuchainn ri còrdadh a dheanamh eadar na rioghachdan, agus ma’s fior gach sgeul a tha tighinn, cha’n eil iad a dol a chòrdadh idir. Tha iad a nise anns a’ bhaile o chionn mios. Cha’n eil impire, prionnsa no neach eile aig am bheil gnothuch ris an riaghladh air faotainn; tha ’n dùthaich mar sin gun riaghladh idir. Tha’n t-arm Eòrpach a’ dol a mach ’sa steach mar a thoilicheas iad fhéin, gun duine cur ’nan aghaidh. Tha cùisean a’ soirbheachadh le Breatunn gu math anns an Transbhaal. Tha Morair Roberts an deigh an dùthaich sin aonadh ri fearainn Bhreatunn, tha ’n t-arm Boereach air a lagachadh, ’s tha àireamh mhor dhe’n t-sluagh air a dhol air ais gu’n tuathanachas. Cha bhi iadsan a tha ’fuireach fo’n armaibh fada gun sgapadh. Tha Oom Pol a nise gun dùthaich, mar a dh’fhaodadh e bhi cinnteach a bhitheadh e ’nuair a bha e cho amaideach ’s gu’n do thòisich e air cogadh ri Impireachd Bhreatunn. Cha’n eil ni a dhith air na Breatunnaich a nise ach Crugar fhéin a ghlacadh. Cho luath ’sa theid aca air sin a dheanamh,mo cho luath ’sa dh’fhàgas e ’n dùthaich, bidh an cogadh seachad, agus bidh ceann a deas Africa gu h-iomlan a mealtuinn na sithe fo bhratach dhearg Bhreatunn. Tha Uisdean Iain Domhnullach, priomhair Mhanitoba, an deigh an dreuchd sin a leigeil uaithe, ’s tha e dol a ruith ann am Brandon air son na h-àrd-pharlamaid. Tha Uisdean Iain ’na dhuin’ òg, tapaidh, ann an iomadh dòigh coltach ri ’athair, agus bidh e ’na neart mor do na conservatives, a’ phàirtidh d’am buin e. Eachdraidh nan Dughallach. Bho’n thug MAC-TALLA roimhe so seachad eachdraidh Teaghlaich Diùc Earraghaidheil, bhiodh e nise toilichte le roinn de ’chàirdean gu’n tugadh e dhaibh eachdraidh Teaghlaich Mhic Dhughaill Dhunolla, neo mar a their cuid ris, Mac Dhùghaill Lathurna, bho linn an treun laoich ainmeil ud, Iain Ciar Lathurna, gus an latha ’n diugh, le ’n cuid thoidalan. Agus mar an ceudna co-dhiu bha iad a seirbhiseachadh an arm tire no’n cabhlach na mara. Agus cuideachd co ’mac athar a tha ’san t-Seanalair Sir Padruig Dùghallach a bha ann an Canada agus anns na roinnean iosal mar an ceudna beagan bhliadhnaichean air ais. Ur caraid dileas, CNOCAN OICH-OICH. Iadsan a Phaigh. Murchadh Moireastan, Sidni. Padruig Moireastan, Sidni. An t-Urr. I. F. Forbes, Sidni. Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath. A. F. Moireastan, Sidni Tuath. Domhull Mac Amhlaidh, Glace Bay. Domhull Mac Leoid, (clachair), Glace Bay. Gilleasbuig Domhnullach, Bridgeport. Iain S. Domhnullach, Leitche’s Creek. Cairistiona Nic-a-Bhiocair, Port Morien. Eoghan Mac Leoid, Gabarus. Bean Iain Mhic Citheagain, Horne’s Road. Bhean Thormaid ’Ic Aonghais, Ingonish. Eoghan Gillios, Braigh Mhargaree. D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie. A. D. Mac Gill-fhaollain, Dunbheagain. Uisdean Mathanach, Marion Bridge. D. Mac-an-Fhuchdadair, Acarsaid Chloinn Fhionghain. Raonailt Nic Gilleain, Stirling. Iain A. Gillios, S. W. Margaree. D. J. McNeill, Eilean Christmas. An t-Urr. Iain Mac-an-Toisich, Malagawatch. Padruig Mac Gill-fhinnein, Baddeck. Domhull Caimbeal, Bras d’Or Mor. D. A. Mac-a-Ghobha, am Baighe ’n Iar. An t-Urr. A. Mac Coinnich, Victoria Mines. An t-Urr. Alasdair Ros, Hogamah. An t-Urr. C. Mac Coinnich, am Beighe ’n Iar. Raonull Camaran, Amhuinn Deas, N. S. L. Camaran, Antigonish. N. S. Aonghas Mac Aonghais, Georgeville, N. S. Domhull Mac Rath, Vancouver, B. C. Ceit F. Nic Leoid, Peveril, Que. Murcha Mac Laomuinn, Quincey, Mass. Dr. A. F. Mac Leoid, Spokane, Wash. Aonghas D. Moireastan, Graniteville, Vt. Aonghas Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. D. R. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. D. R. Mac Gillebrath, Cnoc na h-Eaglais, Ont. Domhull Mac Cuthaig. Dalkeith, Ont. Tormad Mac Rath, Alexandria, Ont. F. H. REYNOLDS, ARD CHEANNAICH’-AODAICHEAN, South Charlotte St., - - - Sidni. Tha stoc de dh’ aodaichean Fhirionnach againn na’s motha na tha aig ceannaiche sam bith eile tha ’n Sidni. Tha sinn ’gan ceannach ’nan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta. Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5.00. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Arineis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER. CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 85] [Vol. 9. No. 11. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh Cordua, an t-oifigeach Boereach a bha air fheuchainn comhla ri àireamh eile air son a bhi dol a thoirt ionnsuidh air Morair Roberts a ghlacadh, fhaotainn ciontach, agus bha e air a chur gu bàs air an t-seachdain s’a chaidh. Tha fear de na saighdearan a dh’ fhalbh á Ceap Breatunn do’n Transbhaal a’s t-earrach s’a chaidh air tilleadh dhachaidh,—Seumas Scott á Seana Bhridgeport. Chaidh a leònadh ann am blàr Phaardeburg, agus air dha a dhol am feobhas fhuair e cead tigh’nn dhachaidh. Dh’fhuirich an deigh mu chladaichean a tuath Labrador moran na b’fhaid’ air an t-samhradh so na b’ àbhaist, agus chuir i call mor air na h-iasgairean. Bha moran de na soithichean air am bristeadh leis an deigh, agus chaidh bàtaichean us lin a chall, Cha robh an t-iasgach mar sin ach gle fhad air ais, agus tha e cunnartach gu’m bi gorta measg nan iasgairean re a’ gheamhraidh. Bha storim mhor againn an so oidhche Di-ciaduin. Shil uisge trom an toiseach, agus an deigh mheadhon-oidhche thoisich a ghaoth air séideadh gu làidir. Cha d’rinneadh call a b’ fhiach ’sa bhaile no ’san acarsaid ach gu’n deachaidh dha no tri bhàtaichean seolaidh a bh’air acair a thilgeadh air tir. Cha’n eil teagamh nach d’ rinneadh call air soithichean a bha air muir ’s timchioll nan cladaichean, ach cha d’fhuaireadh sgeul orra fhathast. Ma gheibh thu cuibhrig is paipear litreach anns an àireamh so dhe ’n MHAC-TALLA, na dean dearmad air an cur gu feum gun dàil. Tha sinn fior fheumach sir an airgead; tha cosgais mhor ann a bhi ’cur am mach a’ phaipeir, agus feumaidh gach aon a tha ’ga ghabhail a phàigheadh, air neo cha soirbhich leinn. Ma phàigh thu fhéin cheana, feuch ri fear-gabhail ùr fhaighinn, agus cuir an cuibhrig ’sam paipear gu feum a’ cur air adhart an dolar. Tha Bresci, am fear a mhort righ Humbert, ri bhi air a chumail fad bliadhna ann an toll-dubh sia troighean a dh’fhad ’s tri troighean a leud. Fad na h-ùine sin cha’n fhaic e leus soluis, cha chluinn e guth duine, ’s cha’n fhaod e eadhon bruidhinn ris fhéin. Cha’n fhaigh e de bhiadh ach aran us uisge, agus sin uair san latha. ’Se priosanach gle ainneamh a bhios beò an ceann bliadhna dhe’n ghiullachd so; iadsan a bhios beò, bidh iad mar is trice air a dhol as an rian. Thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh air fear Niall Mac Aidh, ann an Caledonia Mines, a bhi air chall. Fhuaireadh a chorp air a chladach aig Schooner Pond maduinn Di-satharna s’a chaidh. Thug an jury a mach gu’m b’e tuiteam bhar na drochaid a rinn e, agus gu robh e air a bhàthadh. Cha d’ fhuaireadh làraichean sam bith air a chorp, agus bha beagan airgeid air fhaotainn ri thaobh, nithean a dhearbh nach robh lamh aig duine ’na bhàs. Tha e coltach gu robh e ag òl re an fheasgair, agus gu robh e air an daoraich ’nuair a thachair an sgiorradh a dh’ araich a bhàs dha. Bha coinneamh aig na liberals anns an rink oidhche Di-ciaduin, aig ’n do liubhair na h-Onaraich Deorsa H. Murray, W. S. Fielding agus Uilleam Patterson, òraidean. Bha àireamh mhor sluaigh a làthair, ged a bha ’n oidhche fliuch, stoirmeil, agus fhuair na h-uaislean deagh éisdeachd. Tha E. L. Robertson, à Fort William, Ontario, air tilleadh bho chuairt a thug e do Ghàidhealtachd na h-Alba, ag amharc air a chàirdean a tha fathast a’ comhnuidh an “Tir nam Beann.” Tha e nis’ ann an Sidni, an deigh àite ghabhail comhla ri J. C. Mills. Tha e ’g radh gu bheil e còrdadh ris gu h-anabarrach cho Gàidhealach ’sa tha ’m baile ’s an duthaich mu’n cuairt. Tha aon de luchd-gabhail MHIC-TALLA ann an Georgeville, N. S., ag radh so an àm dha bhi cur pàigheadh bliadhn’ eile dhe’n phaipeir:—“'Tha mi nise ’nam sheann duine, agus bha mi uair no dha a’ smaoineachadh gu feumainn sgur a ghabhail a phaipeir, ach tha mi ’n deigh a leithid de mheas a ghabhail air ’s nach b’urrainn domh deanamh as aonais.” Tha sinn an dòchas nach eil ar caraid faisg cho sean ’sa bhitheas e, agus gu’m bi e ’gabhail tlachd ’sa MHAC-TALLA fad iomadh bliadhna fhathast. Chaidh na gearradairean ann am mèinn ghuail Sidni Tuath a mach air strike mu mheadhon na seachdain s’a chaidh, ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Anns an earrach bha iad a faighinn 40 sent air son gach lan bocsa a thomhaiseadh seachd ceud deug punnd. Dh’iarr iad aig an àm sin 45 sent am bocsa, agus chaidh sin a thoirt dhaibh. Air an turus so sheas iad am mach air son 50 sent am bocsa. An deigh dhaibh a bhi ’nan tàmh dha no tri lathaichean, fhuair iad sin, agus chaidh iad air ais a dh’ obair. Tha na fiosan mu dheireadh a thainig á Galveston ag innse gu bheil àireamh nam marbh moran na’s motha na bha a cheud sgeul ag radh, agus gu robh a dha no tri mhiltean air a’ chuid a’s lugha air an call. Tha àireamh mhor mheairleach air cruinneachadh do’n bhaile, agus a’ spùinneadh nan corp; tha buidhean shaighdearan air geard ann, ach cha’n urrainn daibh casg a chur orra gu buileach. Chaidh aon duine dubh a ghlacadh aig an d’fhuaireadh tri meòirean fichead a ghearr e bhar nan corp air son na fàineachan fhaotainn. ’Se daoine dubha mar is trice bha ris an obair oillteil sin. Thainig sgrios uamhasach air baile Ghalveston, an Texas, Di-satharna s’a chaidh. Thainig stoirm mhor le uisge trom, agus bha chuid bu mhotha dhe’n bhaile air a chur as a chéile, agus thatar a’ meas nach bu lugha na mile pearsa a chaill am beatha. Tha am baile air a shuidheachadh air rudha no eilean an ear air a Ghulf of Mexico, agus bha ’n stoirm cho anabarrach laidir ’s gu robh e air a chur fodha cha mhor gu h-iomlan le lan na mara. Lean i a’ chuid bu mhotha dhe’n oidhche, agus ’sa mhaduinn bha am baile gu leir na dhraoighnich. Bha mu dheich mile fichead sluaigh anns a’ bhaile, agus tha mu’n darna leth dhiubh air am fàgail ann am bochdainn, gach ni a bh’aca air a sguabadh air falbh. $7.00 A Phris air am bheil sinn a’ creic deise mhath “D. B.” de Chloth cloimhe. Ma tha deis’ ur a dhith ort, ’s gu bheil thu air son luach t’airgeid fhaighinn, cha’n eil aite ’s an fhusa dhut sin a dheanamh na anns an stor againne. Na ceannaich air chor sam bith gus am faic thu an stoc a th’againn. 30 paidhir de BHROGAN DEARGA BHAN, “OXFORDS” a b’abhaist a bhi $3.00, a nise $1.95 25 paidhir de BHROGAN OBRACH a b’ abhaist a bhi $1.50, a nise $1.32 100 paidhir de THRIUBHSAIREAN matha “TIVERA” a thatar a creic ann an storaichean eile air 98c. agus $1.25, a falbh air 79c. Gheibh thu t’airgead air ais mur bi thu riaraichte. H. H. Sutherland & Co. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 86] [Vol. 9. No. 11. p. 6] An Cruithneachd Sarrasin. EADAR LE K. W. G. Tachraidh e gle bhitheanta, ma theid duine, an deigh stoirm thairneanaich troimh dhail anns an bheil cruithneachd sarrasin (buckwheat) a’ cinntinn, gu ’n toir e ’n aire gu bheil am barr air fas dubh, agus air a ghlan dhathadh; tha e direach mar gu ’m biodh lasair theine air dol thairis air, agus an sin their an tuathanach, “’S e n’ dealanach a rinn so!” Ach ciamar a thachair gu ’n d’ rinn an dealanach so air? Innsidh mise sin duibh, mar a dh’ innis na gealbhoinn dhomh fein e, agus fhuair iadsan e bho sheann chraoibh sheilich a bha ’cinntinn taobh na dail chruithneachd. Tha a’ chraobh sheilich so na craoibh mhoir, urramaich, ach tha i air fas crom, crotach le seann aois; tha ’n stoc aice air sgoltadh a suas ’nam meadhon, agus tha riasg, agus dris nan smeur a’ cinntinn anns an fhosgladh: tha ceann na craoibh ag aomadh thairis, agus tha na geugan, le am meoir chaola, a’ crochadh a nuas mu ’n cuairt oirre mar gu ’m biodh ann falt fada glas. Anns na dailtean mu ’n cuairt bha h-uile seors’ arbhair a’ fas; an seagal agus an t-eorna cho math ris a’ choirce aluinn, dhireach, ard; a tha, an uair a tha e abuich, ceart mar gu’m biodh ann grioglachan de dh’ eoin bheaga, bhuidhe, bhoidheach ’nan suidhe air an aoin chuiseig. Bha beannachadh air an arbhar, agus mar a bu truime am beannachadh, ’s ann a b’ isle a lub e ’cheann ann an irioslachd mhaiseach na crabhachd. Ach bha ’n sin mar an ceudna dail de chruithneachd sarrasin, agus b’ i so an dail a bha laimh ris an t-seann chraoibh sheilich. Cha dean an cruithneachd sarrasin a cheann a lubadh air na chunnaic e riamh, mar a ni gach arbhar eile, ach cumaidh e suas e gu spailpeil, sporsail; co ach esan? “Tha mi,” ars’ e, “cho beartach ann an diasan ris an arbhar eile, agus, a thuilleadh air sin, tha mi fada na ’s boidhche; tha mo bhlaithean cho briagha ri blath nan craobhan ubhal; tha e ’na sholas beachdachadh orm fein agus air thoiseach oirnn, a sheann chraoibh sheilich?” Thug a’ chraobh sheilich gogadh air a cheann, mar gu ’n abradh i, “Seadh gu dearbh!” Ach sgaoil an cruithneachd sarrasin e fein a mach leis an dearg ardan, agus thuirt e: “Nach i ghloichd a’ chraobh sheilich, tha i cho sean ’s gu bheil am feur a’ cinntin aisde!” Air a so, dh’ eirich doinionn ghailbheach; dh’ fhill uile bhlaithean na macharach an duilleagan air a cheile, agus chrom iad an cinn bheaga gu lar am feadh a sguab an stoirm thairis orra; ach chum an cruithneachd sarrasin e fein cho stuirteal ’s a bha e riamh. “Crom do cheann mar a ni sinne!” thuirt na blaithean. “Cha’n ’eil feum ’sam bith air sin a dheanamh,” fhreagair an cruithneachd. “Lub do cheann a sios mar a ni sinne!” ghlaodh an coirce. “Tha aingeal an doinionn a’ tighinn air a’ ghaoith! Tha barran nan sgiath aige a ruigeachd o ’n iarmailt a dh’ ionnsuidh na talmhainn, buailidh e ’shaighead tromhad mu ’n urrainn duit guidhe ’chur a suas air son trocair!” “Cha’n ’eil mise ’dol ga ’m chromadh fein!” thuirt an cruithneachd. “Duin do bhlaithean, agus lub a sios do dhuilleagan!” thuirt an seileach aosmhor. “Na h-amhairc air an dealanach an uair a sgoltar na neoil; cha ghabh clann nan daoine orra fein sin a dheanamh, oir an am platha an dealanaich gheibhear sealladh a stigh air dorsa Neamhan an Ti as airde, ach dheanadh an sealladh sin suilean clann nan daoin’ a dhalladh. Ciod a thigeadh ruinne, mata, a tha de luithibh na macharach, na’m biodh a chridh’ againn amharc, sinne a tha cho suarach seach iadsan?” “Cho suarach seach iadsan?” thuirt an cruithneachd sarrasin. “A nis, ’s e direach an rud a ni mi amharc a stigh air dorsa nan Neamhan as airde!” Agus rinn e sin ’na ardan, agus ’na spors. Bhoillsg an dealanach mar gu’n robh an cruitheachd air fad a’ dol ri theine. An uair a chaidh an doinionn thairis sheas na blaithean agus an t-arbar a suas anns an aile ghlan, air an ath-bheothachadh leis an uisge, ach bha ’n cruithneachd sarrasin air a losgadh leis an dealanach, agus air fas cho dubh ris a’ ghual-cha robh ann ach lusan marbh, a dh’ fheumadh a bhi air an trusadh bhar aghaidh na talmhainn. Thug oiteag shoirbheis carachadh beag do na geugan fada aig an t-seann chraoibh sheilich, agus shil na duilleagan fras de bhraona mora uisge, direach mar gu ’n robh a’ chraobh a gul, agus dh’ fharaid na gealbhoinn: “Car son a tha thu ’gul? Tha beannachadh anns an aite so! Faic mar a tha ’ghrian a’ dearrsadh, faic mar a tha na neoil gu ciuin a’ snamh seachad? Nach ’eil thu ’toirt an aire cho cubhraidh ’s a tha anail nam blaithean, agus nam preasan air fas? Car son, mata, a ghuileadh tu, a sheann chraoibh sheilich?” An sin dh’innis a’ chraobh dhoibh mu thimchioll uabhar a’ cruithneachd sharrasin, agus mu ’n ardan aige, agus mu’n pheanas a thig daonnan an cois an ardain sin. Mise, a tha ’g innseadh na h-eachdraidh dhuibh, ’s ann bho na gealbhoinn a fhuair mi i. Dh’ innis iad dhomh i, feasgar a bha ’n sud, an uair a dh’ iarr mi orra naigheachd innseadh dhomh.—An Fhianuis. Tha 25,000,000 punnd ti ’sa bliadhna air a chosg an Canada, agus anns na roinnean iseal ’se Union Blend an seòrsa dhe’m motha bheilear a’ cosg. Tha i creic aig 25, 30, 35 agus 40 sent am punnd. Iuchair agus cairt anns gach pasg. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 87] [Vol. 9. No. 11. p. 7] Naigheachd Bheag Fhirinneach air Fiosaiche. LE M. D. Tha cuid do dhaoine ann am beachd nach ’eil ann an naigheachdan air buidsichean,fiosaichean, leannain-shith ’san leithidibh sin, ach naigheachdan ath'air an deanadh suas le daoine nach ’eil uile gu leir firinneach. Faodaidh gum bheil feadhainn ann de’n t-seorsa sin; ach an sgeul bheag so a leanas, tha i fior gu leoir. Ach neach sam bith a thoilicheas teagamh a chur innte tha e aig saorsa a thoile, chionn dh’ fhagadh an duine aig saorsa a thoile ann an ni a’s priseala na sgeulachan do ’n t-seorsa so. Ann an Eilean Thiriodh bha, agus tha, e mar cleachdadh aig an roinn mhor de shluagh an eilean a bhi deanadh “Kelp.” Tha moran de sgeirean mu’n cuairt de ’n eilein, agus an uair a bhitheas traigh mhor ann gheibh duine coiseachd a mach ’gan ionnsuidh. B’ ann air eileinean mar sin a b’ fhusa “Kelp” a dheanadh, thaobh agus gu’n robh an fheamuinn a fas air an eilein fhein cha bhitheadh dragh innte ach a gearradh agus a cur suas air mullach na creige sin fein, gus am bithidh e air son a losgadh. Air do dhuine coir, firinneach, a bhi ’losgadh na feamuinn air eilein mar so, an fhairge anns a ’chaol eadar e agus tir ’s gu ’n neach maille ris, ghabh e iongantas mor ann a bhi faicinn da bhoirionnach nan seasamh laimh ris. Mar a dh’fhaodar a thuigsinn bha an oidhche ann. Cha dubhairt esan diog, ach thog iadsan an lamhan agus chrath iad neapaicean gheal agus thubhairt iad ris, “Ciod a’s aill leat sinn a thoirt dhuit?” Dh’ fhan esan na thosd agus thubhairt iadsan na ceart bhriathran a rithist. Ge ar bith de dh’iarr esan fhuair e ni a bha fios aig gach duine nach robh aige gus an deigh do na boirionnaich so a bhi bruidhinn ris. Airson gu’n tuig gach neach a leughas so gu ’n d’ fhuair an duine fiosachd o na boirionnaich, bheir mi dhuibh sgeul bheag na dha mu thimchioll. Latha a bha e mach a’ buain, bha e crom a ceangal nan sguab; ghlaodh e gu h-ard agus e suathadh a lamh. Sheas na daoine a bha maille ris agus sheall iad air le iongantas, a farraid dheth ciod a bha cearr. “Nach ’eil mo mhac air tuiteam a mach as a’ bhata aig na bacannan agus tha eagal orm gum bith e baighte.” Thilg na buanaichean bh’ uapa na corain. Ach ann an ceann uine bheag thubhairt e riutha—“Am an ainm Dhia toisichibh oir thug iad a stigh e gu slan fallain.” An latha sin fein thainig am bata agus bha gach ni mar a thubhairt esan. Bha e latha eile mach mu’n cuairt an [?] air fas sean. Thainig aon do ghiulan oga a’ bhaile an rathad a bha e. Dh’ fhailtich iad a cheile, agus dh’fharaid an seann duine ciamar a bha ’athair. Thubhairt an gille ris gu ’n robh e meadhonach math. Thubhairt esan, “Nach math sin, oir bithidh mise ’s esan air an fhuair leabaidh air an aona latha.” Bha sin fior. ’S iomadh rud eile a thubhairt e. Tha esan marbh o chionn iomadh bliadhna, ’s tha gu leoir beo an diugh fathast aig a bheil cuimhne air. Agus chreideadh gach duine e a chuir eolas air. ’S mor àireamh na muinntir sin d’am bu chòir a bhi ’cuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil ga ’dheanamh sin. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape reton. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 88] [Vol. 9. No. 11. p. 8] CUMHA D’A MHNAOI. LE SEORAS MAC-COINNICH, FEAR GHRINNEARD. Tha mo chridh’ air fàs trom, ’S taobh mo leap’ air fàs lom, Is cha togar leam fonn air chòir. Tha mo chridh’, &c. Bhuineadh dhiom leis an eug, Is air m’ fhirinn cha bhreug, Ni cho fìnealt’ ri léig an òr. Righ, gu ’m b’ alainn do shnuadh, Neul an t-sneachd ort mu ’n cuairt, Deud mar chailc, agus gruaidh mar ròs. Do chiabh cas-lubach, donn, Do shlios mar eal’ air an tonn, Do bheul meathair o’m b’fhonnmhor glòir. Do shuil mar dhearcaig nan allt, ’S do ghuth mar smeoraich air crann A seinn luinneig an gleann ri ceo. ’S ann sa choill nach robh crion ’Fhuair mi ’n t-slat nach robh blion, Is i àlainn, ùr, finealt’, òg. Ged a b’ og thu an la Air ’n do ghlac mi do làmh, ’S mor a bh’annad de stàth ’s de threoir. Cha robh chrine nad bheus, Leat bu shuarach a treud, Fhuair thu meas o luchd-feum le còir. Bu shar shuinn le mo bheachd O’n do bhuaineadh thu ’m mach; ’S iad nach fàgadh a chreach gun tòir. Bhrisd gach caball ’s gach ball, Chaidh mo mhisneach air chall, Tha mo sgiob’ air fàs mall gun treoir. Dh’ fhàg thu mise bochd truagh Mar luing bhreoit’ air a chuan, ’N déidh a stiuir a thoirt uaip’ ’s a seoil. ’Thi ’chuir Ionas gu tìr O’n mhuic-mhara le sìth, Cuir gu cala mi-fhìn ’s mo lòd. Ged tha mise dheth bochd Dh’ fhàg an te tha fo ’n phloc Linn og ìs fiach toirt mu ’m bhòrd. Cuim’ an deanadh sinn uaill, ’S nach mair ti ach seal cuairt, Tha na ceudan dol uainn gach lò. Biomaid uil’ ann an déidh Air na nithibh nach tréig, Chum ’s gu ’m faic sinn a chéil an glòir. Phòs Fear Ghrinneard Maireard Nic-Coinnich ’sa bhliadhna 1696. Bha tri air fhichead de chloinn aca. Sochair versus Meirle. LE DONULL MAC CALLUM. Ma tha thu smuainteachadh, an déigh mar thug an Gille Bàn an car á Loirean, gu’m biodh urrad feirg air ’s a’ chuireadh crìoch air a’ chàirdeas a bha eadar riu, tha thu fada clì. Cha ’n ann a réir mar a chì an saoghal aobhar aig daoine ’bhi mach air a chéile a bhitheas iad mar sin idir. Tha mòran aig nàdur, iarrtas, agus stait an duine ri dhianadh anns a’ chùis. Dhùraichdeadh Captain T. Goblets agus “The Mac Dodo” an dara fear am fear eile bhi air a losgadh ann an tearr ged a shaoileadh tusa agus mise gu’m bu chòir dhoibh a bhi na’n càirdean math. Cha b’ urrainn Loirean no’n Gille Bàn ni air bith a dheanadh air a chéile no air neach eile air son nach biodh maitheanas air a thoirt. De air bith cho fada ’s a rachadh iad a mach air a chéile bhiodh neach ni bu toilichte dhe féin le leigeil leò na dol eadar riu. Fhuair Caomhan a mach so air a chosd. Ghabh Caomhan a’ chothrom féin air innseadh os ìosal do Loirean an car a thug an Gille Bàn ás agus dh’ earb e ris, air son duais mhòr a bheireadh e dha na’m b’ fhìor, cuideachadh leis an Gille Bàn a ghlacadh ri seilg. “Tha eagal orm,” deir Loirean ris, “nach biodh sin onarach dhomhs’ a dheanadh.” “Nach ’eil fhios agad,” fhreagair Caomhan, “gur mios’ an t-sochair na mheirle?” Beagan an déigh sin dh’ innis Loirean, os iosal do Chaomhan, gum biodh ’an Gille Bàn ’s e féin a sealg air Béinn-a’-Chladaich air an ath Di-Màirt, an là air am biodh Lady Myshrym a marbhadh Sir John, am fiadh a reamhraich Captain T. Goblets air a son an àite Sir Roger, air a Mhona-Ghorm. Air an là sin chaidh an Lady le cuid ghillean ’s na h-uaislean mòr uil’ a shealg air Loirean ’s air a Ghille Bhàn air Beinn-a’-Chladaich agus chaidh Loirean ’s an Gille Bàn a shealg air Sir John air a’ Mhona-Ghorm. “A chealgair dhuibh nach do sheas ri d’ fhacal dhomh, nach ’eil nàir ort?” deir Caomhan ri Loirean a chiad uair a choinnich e ris an deigh sin. “Nach eil fhios agad,” deir Loirean ris, “gur mios’ an t-sochair na mheirle?” BAS. Ann an Gleann Ainslie, an Siorrachd Inbhìrnis, air an deicheamh latha dhe’n mhios so, chaochail Cairistiona Nic Ille-Mhaoil ’si tri fichead bliadhna ’sa dha a dh’ aois. Bha i dìchiollach air son na beatha thimeil, agus eudmhor air son na beatha nach teirig. Bha i fo mhor mheas aig na h-eolach, as bha sin ri thuigsinn leis an aireamh sluagh a lean an guilan go cladh Hogomah far an deach a h-adlacadh. Rinneadh an t-aoradh leis an Urr Alasdair Grannd. ’Si bha frithealadh do bhean Mhaighstir Grannd a chuid bu mhotha dhe’n uine bha i tìnn, is cha robh ach seachdain eadar bàs an dithis, is cha robh ach bliadhna a dheifir ’nan aois. Tha mios a dh’uine bho’n thoisich a tinneas, ach bha inntinn shunndach thoilichte aice, is cha chuireadh duine a bheag a dh’uireachd gu robh i euslan. Bhon thainig an samhradh thromaich a tinneas ’s b’ fheudar freagairt do ghuth an teachdaire ghruamaich ’sa cead a ghabhail dhe ’cairdean as de luchd a gaoil gu seilbh a ghabhail air an oighreachd a tha air a gealltuin dhaibhsan a ghabhas tre chreideamh ri cumhnantan na slainte.—COM. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 89] [Vol. 9. No. 12. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 21, 1900. No. 12. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XVII. FAIGHINN AN FHAINE. Bha sreath de chraobhan teile air gach taobh de ’n rathad suas a dh’ ionnsaidh a’ chaisteil. Bha Amelia is Màiri samhach fad a chiad chuid de ’n astar; as deigh sin thuirt a’ Bhan-Iarl’ òg: “Feumaidh mi a nise innse dhut mar a thainig am fàine air lom an rithist. Thainig sinn a dh’ ionnsaidh na dùthcha ni bu traithe air a bhliadhna so—’s ann trath ’s a’ Mhàrt a rainig sinn Ichburg, ’chionn bha gnothuichean aig m’ athair ri chuir air doigh ’s dh’ fheumadh e tighinn ni bu traithe na b’ abhaist dha. “Mu ’n gann a thainig sinn gu Ichburg, dh’ fhas an t-sìde anabarrach dona, agus thainig aon oidhche a bha fior dhoirbh le stoirm ’us le uisge. “Tha cuimhn’ agad air an chraoibh mhoir pheuran a bh’ ann ’sa gharadh againn ’an Ichburg; bha i gle shean, agus cha robh i a’ toirt ach gle bheag de thoradh seachad. Thug stoirm na h-oidhch’ ud a leithid de shuaineadh oirre ’s gu ’n robh e coltach nach b’ fhada gus an tuiteadh i. “Thug m’ athair, air an aobhar sin, ordugh seachad a gearradh sios. Chaidh iarraidh air gach aon a bha mu ’n cuairt cuideachadh a dheanamh gus a leigeil, ann an doigh ’s nach deanadh i milleadh air na craobhan eile. Chaidh m’ athair, mo mhathair ’sa chlann, agus gach duine ’bha stigh ’ga coimhead. “Anns a’ mhionaid ’s na thuit i le fuaim bristeach, ruith da bhrathair bheag dhomhsa a null a choimhead nead cuthaig-fhireann a bh’ anns a chraoibh, agus air an robh iad an toir, le goraich na h-òige, o chionn fada. Rannsaich iad a h-uile mir dhith gu durachdach. ‘Gnothuch iongantach,’ ghlaodh Uisdean, ‘seall an so, a bhrathair, gu de tha so a soillseachadh cho dealrach am measg nam meanglan?’ ‘Tha e soillseachadh mar òr is mar chlachan luachmhor!’ ars’ Albert. Thainig Ceit air aghart car iomaguineach, agus thug i sgriach aisde, ‘O, Shlanaighear, am fàine,’ dh’ eibh ise, agus dh’ fhas i cho geal ri corp. Thug a’ chlann am faine a mach as eadar na bileagan, ’us thug iad le caithream sholasach e dh’ ionnsaidh am màthair. “‘Gu firinneach ’s e th’ ann,’ ars’ ise. ‘O Iacob mhath, onaraich, ’sa Mhàiri bhochd, nach olc a rinn sinn oirbh. Tha mi ro thoilichte am fàine fhaotainn, ach bhithinn na bu thoilichte gu mor nan gabhadh Iacob ’us Màiri faighinn fhathast. Bheirinn seachad am fàine gu toileach nam b’ urrainn domh san doigh sin an eucoir a rinn mi orra a thilleadh.’ ‘Ach ciamar bho ’n t-saoghal,’ thuirt mise, ’s mi ’cuir stad oirre, ‘a thachair do ’n fhàine a bhi ’san nid, am barr na craoibh pheur?’ “‘Innsidh mise sin dhuit an ceart uair,’ ars’ Antony, an seann sealgair, agus deoir na shùilean leis an toileachadh gu ’n d’ rinneadh a mach gu ’n robh thu neo-chiontach. ‘Tha e soilleir a nise nach do ghoid Iacob, an seann ghàradair, no a nighean, Màiri, am fàine. Bha chraobh ro ard airson iad a dhireadh innte, agus rud eile cha robh uine ac’ air a dheanamh. Is gann gu ’n d’ rainig Màiri a dachaidh as deigh a bhi ’s a’ chaisteal ’nuair a chunnacas i ’na suidhe lamh ri h-athair. Ach tha deigh aig na h-eoin bheaga, dhubha so, aig an robh an nid ’s a’ chraoibh, air a h-uile rud dheth ’m bi soillse, agus ma dh’ amaiseas ni sam bith mar so riutha, feuchaidh iad ri thoirt leotha do ’n nid. ’S e fear do na h-eoin so a thug leis am faine. Tha a’ chuis a nise soilleir. Tha e cuir iongantas orm nach d’ thug seann fhear-seilge mar tha mi fhein fanear ni bu luaithe gu ’m faodadh na h-eoin am fàine ghoid. Ach ’se toil an fhortain a bh’ ann gu ’n d’ thigeadh am mi-fhortan so an rathad Iacoib agus Màiri, a nighean.’ “Thuirt mo mhàthair a nise: ‘Tha thu gle cheart, Antony, agus tha a’ chuis gle shoilleir am choinneamh. Tha cuimhne mhath againn gu ’m b’ abhaist do na h-eoin a bhi sgiathadh a nuas as an t-seana chraoibh dh’ ionnsaidh na h-uinneige; gu ’n robh an uinneag fosgailte ’nuair a dh’ fhalbh am fàine, agus gu ’n robh am bord air an robh am fàine faisg air an uinneig; agus, cuideachd, ’nuair a ghlas mi dorus an ruim ’s am biodhmaid a’ suidhe, gu ’n a stad mi tacan math ’san rùm a b’ fhaide stigh. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ thug fear de na h-eoin chronail so an aire do ’n fhàine bhoillsgeach, le ’shuilean biorach a’ coimhead a nuas as a chraoibh pheur, agus fhad ’sa bha mise ’san rùm a b’ fhaide stigh, ghabh esan a chothrom fhein, agus theich e air falbh gun duine thoirt an aire dha. “Bha m’ athair fo bhruaillean mor ’n uair a thuig e gu ’n dhìt e thus’ ’us t-athair, agus sibh neo-chiontach. ‘Tha e ’gam ruigheachd a dh’ ionnsuidh a’ chridhe,’ ars’ esan, ‘gu ’n d’ rinn sinn cho cearr air na daoine matha so, agus ’se an aon rud tha deanamh feum domh, nach ann le droch inntinn no mi-run a thachair a chuis duinn, ach le cion fiosrachaidh ’us le mearachd chliobaistaich. Ach cha chadail mi socrach gu brath gus am faigh sinn a mach na daoine onarach so, gu ’n aisig sinn an deagh ainm ’san cliu air ais daibh, agus gu ’n dean sinn suas an call a chuir sinn orra.’ Thionndaidh e sin gu biorach ri Ceit, a bha na seasamh ’us droch neul oirre ’measg nan aodann taingeil aig cach; bha i air chrith, mar pheacach truagh. ‘Thusa, ’thruaghain mheallta, bhriagaich,’ dh’ eibh esan, ‘ciamar a bha dhànadas agad breug innse do d’ mhaighstir ’s an aghaidh ceartais, agus d’ anam a luchdachadh le leithid de chiont’ eagallaich, a tha ’g eigheach dioghaltas ri flaitheanas? Ciamar a dhuirigeadh tu fhein an seann duine còir ’s a’ nighean neo-chiontach a thilgeadh ann a leithid de bhochdainn?’ “‘Suas agus glacaibh i!’ thuirt esan ri da mhaor a thainig a dh’ fhaicinn na craoibhe a’ tuiteam, agus a dhluthaich a nise air Ceit, coltach ri da sheabhac, le ’n suilean a beachdachadh gu laidir air m’ athair, ’s iad deiseil gus a thoil a dheanamh. Bhruidhinn e rithist gu durachdach: ‘Cuiribh a cheart shlabhraidhean oirre ’s a bha ceangal Màiri, tilgeibh i sios ’san aon phriosan dhorch’ ’san d’ fhuiling Màiri. Gheibh i an ceart chunntas shrac ’sa fhuair Màiri, ge bu neo-thoilltinneach i; beag no mor a cuid aodaich ’us airgiod theid a chumail ’s a chuir a dhioladh, fhad ’s a theid e, an eucoir mhóir a rinn i; agus as deigh sin uile, theid a h-iomain ’ga ’cois, air falbh far nan criochan leis a’ cheart oifigeach a dh’ fhògair Màiri.’ “Bha gach aon a chual na thubhairt e, ’san àm, air chrith le eagal, sheas iad suas gu samhach agus droch neul orra. Cha ’n fhaca duine riamh roimhe m’ athair air a chuir uige cho mor, ’s cha chualas e bruidhinn le leithid de chorruich. Fad uine cha do mheantair duine ri guth a radhinn, ach cha b’ fhada gus na sheall gach aon cho toilichte ’sa bha iad le caithream ard a thogail. “‘Dh’ eirich taghte dhuit,’ arsa fear de na maoir, aig an robh greim air ghairdean air Ceit; ‘ge b’e ’chladhaicheas toll air son neach eile, tuitidh e-fhein ann.’ “‘Sud na bhios aig feadhainn airson an cuid bhreug ’us thuaileas!’ ars am fear eile, ’s e breith air a gairdean eile. ‘Tha ’n sean-fhacal daonnan fior: Cha deach an snailean sin riamh a shniomh cho caol nach d’ thigeadh e ’m fradharc uair-eiginn.’ “Thuirt an cocaire: ‘’S e farmaid ri Màiri airson a’ ghùin a fhuair i, a thug an toiseach air Ceit a bhreug innse, agus cha b’ urrainn i an sin a briathran a thoirt air ais no gu ’n robh i-fhein ’na bana-bhreugaire nàr. Tha e na shean-fhacal fior, ma leigeas tu leis an droch fhear greim a dheanamh ort le aon ròineig, ni e ’an uine a chuid fhein dhiot.’ “‘Biodhamaid ann an dochas air a shon sin,’ ars’ am fear a leag a chraobh, ’s aig an robh an tuagh fhathast air a ghuailnean, ‘biodhamaid ann an dochas gu ’m fas i nise beagan ni ’s fhearr, airneo bithidh a’ chuis ni ’s miosa dith fhathast ’san t-saoghal eile. A chraobh nach d’ thoir seachad deagh thoradh,’ ars esan, ’s e leigeil sios na tuaighe car ealamh, ‘theid a gearradh sios agus a tilgeil anns an teine.’ “Chaidh a’ naigheachd gu ’n d’ fhuaireadh am fàine gu ealamh mu ’n cuairt air feadh baile Ichburg, agus thruis daoine a stigh as gach aite, air chor ’s gun robh sinn air ar cuartachadh an uine ghearr le sluagh mor, dumhail. Anns a mhionaid so thainig Ard-Bhaillidh a bhaile a steach do ghàradh a chaisteil. Bha ’n cleireach aige an lathair ’nuair a fhuaireadh am fàine, agus ’s e a dh’ innis da e. Cha chreid thu, a’ Mhàiri ’ghràidh, an trioblaid ’s a’ bhochdainn a chuir a chuis air an Ard-Bhaillidh. Ged a bha e cruaidh ortsa, ’s e duine ro cheart a th’ ann, nach do leig smal fad a bheatha air fhirinn no air a cheartas. ‘Bheirinn seachad gu toileach an darra leth, bheireadh mo chuid an t-saoghal,’ ars esan, le guth a rainig ar cridheachan, ‘airson gun a leithid a thachairt domh. ’Se gnothuch eagallach a th’ ann a’ neo-chiontach a dhiteadh.’ [TD 90] [Vol. 9. No. 12. p. 2] “Sheall e mu ’n cuairt air na bha ’ga eisdeachd, agus le guth ard, durachdach thubhairt e: ‘’S e Dia fhein am britheamh nach dean mearachd, agus nach urrainn duine ’mhealladh. Bha fhios aige-san, an t-Uile-Ghlic, ciamar a chaidh am fàine ’thoirt air falbh, agus c’ait an robh e ’m falach uige so. Theid na britheamhnan talmhaidh cearr gu furasda, le lughad am fiosrachaidh; agus gle thric, anns an t-saoghal so, feumaidh a neo-chiontach fulang, agus bithidh a bhuaidh aig na daoine mallaichte. Ach, air an turus so, thug Dia na firinn, a tha toirt do gach aon air reir an toillteanas, an uachdar a’ neo-chiontach bhochd, agus am follais a’ chiont’ fhalaichte. Faic agus aidich a nise cho miorbhuilteach ’sa bha a thoil naomh a riaghlaidh gach ni gus an tionndadh a’ chuis a mach mar so. Is ann air a shon so a thainig a’ stoirm eagallach an raoir, a chrith an caisteal ’s a chuir eagal oirnn uile gu leir, a ghluais a chraobh mhor ’s a chuir i an cunnart tuiteam; ’s ann air a shon so a bha ’n t-uisge cho trom ’s gu ’n ghlan e a’ nead am mach los gu ’n dealradh am fàine ’s gum bitheadh e furasda dha ’n t-suil fhaicinn; ’s ann air a shon so a thainig an teaghlach urramach cho trath am bliadhna thun a chaisteil le stiuireadh an fhreasdail, air chor ’s gu ’m faiceadh iad a chraobh a’ tuiteam; ’s ann air a shon so a b’ fheudar gu ’m fac’ a’ chlann og am fàine air thoiseach, chionn le aotramas is neo-chiontas na h-oige cha robh e nadurra dhaibh am fàine ’chumail am falach. Agus ’sann air son so, cuideachd, a b’ fheudar do Cheit, a’ bhean-dhitidh mheallta, a’ sgriach ud a thoirt aisde cho luath, gus a leigeil fhaicinn do gach aon gu ’m bi an coireach, ’s gu ’n robh Màiri bhochd neo-chiontach. ’S ann gle ainneamh a thachras gnothuichean cho miorbhuilleach so. “‘Bheir Dia breith air gach cuis ’s an ath shaoghal, far am faigh gach aon a dhuaiseachadh air reir ’s mar a choisinn e, biodh sin math no olc; ach tha E gle thric a leigeil fhaicinn duinn a cheartais, cuideachd, ’san t-saoghal so, los nach diochuimhnich sinn gu bheil a leithid do bhritheamh ceart daonnan os ar cionn, nach urrainn mealladh no bhi air a mhealladh, agus a rithisd air eagal ’s gu ’m faod daoine, leis cho tric ’sa tha mi-cheartas a faighinn buaidh air an talamh, earbs a chall as an Ti uile-fhaicinneach, uile-chumhachdach, shiorruidh ’tha bhos ar cionn.’ “‘S ann mar so a labhair an t-Ard-Bhàillidh, agus dh’ eisd an sluagh ris gu furachail; dh’ aidich iad gu ’n robh na thubhairt e fior, agus thill iad dhachaidh a’ meorachadh gu domhain air na chunnaic ’s na chual iad. Agus so agad, ’Mhàiri a’ ghràidh, mion-chunntas air mar fhuaireadh am fàine.” ’Nuair a stad Amelia a bhruidhinn bha i fhein agus Màiri direach an deigh geata mor a chaisteil a ruigheachd. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. IV. An deigh do Ghulnara cunntas ghoirid a thoirt do righ Phersia air an teaghlach do ’m buineadh i, agus gach cruaidh-fhortan a thachair rithe, thuirt an righ: “Mo bhan-phrionnsa mhaiseach, mhoralach, nach iongantach an naigheachd a dh’ innis thu dhomh! Cha chualas a leithid riamh roimhe! Mhiannaichinn mile ceisd a chur ort mu na nithean iongantach ud. Ach an toiseach, tha e iomchuidh dhomh taing a thoirt dhut air son cho math agus cho foighidneach ’s a bha thu an am dhut a bhith ’cur dearbhaidh orm feuch an robh gradh fior agus seasmhach again dhut. An e nighean righ a thubhairt mi? Cha ’n abrar nighean righ riut tuilleadh. Is e their mi riut ’na dheigh so, mo bhan-righ—ban-righ Phersia; agus bidh an t-ainm so air a dheanamh aithnichte anns a’ cheanna-bhaile am maireach le greadhnachas agus le urram nach fhacas riamh roimhe; agus bidh fios aig na h-uile gur tu mo bhean laghail, phosda. Bha so air a bhith deante fada roimhe so nan do leig thu fhein ris dhomh co thu; oir o ’n a’ cheud shealladh a chunnaic mi dhiot, bha mi dhe ’n bheachd dhe ’m bheil mi an diugh, is e sin, gu ’m biodh gradh agam dhut an comhnuidh, agus nach suidhichinn m’ aigneadh air te sam bith eile ach thu fhein.” “Ach gus m’ inntinn a riarachadh, agus a chum gu ’n toir mi dhutsa an t-urram air am bheil thu dligheach, tha mi ’guidhe ort gu ’n toir thu dhomh mion-chunntas mu dheidhinn rioghachd a’ chuain, agus air an t-sluagh a tha ’nan comhnuidh innte, oir cha chuala mi guth no iomradh riamh fhathast mu ’n deidhinn ach naigheachdan a bha mi meas mar sgeula faoin. Ach tha mi ’tuigsinn o na briathran a dh’ innis thusa dhomh gu ’m bheil na chuala mi mu ’n deidhinn fior gu leor. Agus tha thu fhein a bhith agam mar mhnaoi ’na dhearbhadh gu leor dhomh gu ’m bheil na chuala mi fior. Tha thu fhein a bhith agam mar mhnaoi ’na urram nach d’ fhuair duine a bha riamh air an talamh ach mi fhin. “Tha aon ni ann nach ’eil mi idir a’ tuigsinn; agus air an aobhar sin, tha mi ’g iarraidh a dh’ fhabhar ort gu ’n soilleirich thu dhomh e. Is e sin, nach ’eil mi idir a’ tuigsinn cia mar a tha e comasach dhuibh a bhith ’fuireach fo ’n uisge gun sibh a bhith air ’ur bathadh. Is e fior bheagan de sluagh na talmhainn aig am bheil comas air fuireach a’ bheag a dh ’uine fo ’n uisge, agus bhiodh iad air am bathadh gun teagamh sam bith mur rachadh aca air tighinn an uachdar ann an am.” “Mo thighearna,” arsa ban-righ Gulnara, “bheir e toileachadh mor dhomh fiosrachadh a thoirt do righ Phersia mu dheidhinn sin. Coisichidh sinne air grunnd a’ chuain a cheart cho math ’s a choisicheas sibhse air an talamh; agus tairnigh sinne ar n-anail anns an uisge mar a thairneas sibhse air tir, air dhoigh, an aite bhith air ar tacadh, mar a ni e oirbhse, gur ann a tha e ’cuideachadh le ar beatha. Rud a tha na ’s comharraichte na so, cha fhliuchar ar n-aodach idir. Uair sam bith a bhios toil againn a dhol gu tir cha ruig sinn a leas aodach tioram a chur umainn. Tha ’chainnt chumanta ’th’ againn coltach ris an sgriobhadh a bh’ air seula an fhaidh mhoir Solamh, mac Dhaibhidh. “Feumaidh mi gun dichuimhne a dheanamh air innseadh dhuibh, gu ’m faic sinn anns a’ chuan a’ cheart cho math ’s a chi sibhse air tir; oir tha e furasda gu leor dhuinn ar suilean fhosgladh. Agus o ’n a tha sealladh geur, farsuinn againn, chi sinn anns an aite a’s doimhne dhe ’n chuan cho math ’s a chithear air tir. Tha latha ’s oidhche againn mar a th’ air tir, agus tha ’ghealach ’s na reultan a’ dheanamh soluis dhuinn. “Labhair mi mar tha mu dheidhinn ar rioghachan; ach mar a tha ’n cuan moran na ’s mo na ’n talamh, mar sin mar an ceudna tha rioghachdan a’ chuain moran na ’s lionmhoire agus na ’s farsuinne na rioghachdan na talmhainn. Tha iad air an roinn ’nam mor-earrannan, agus anns gach earrann dhiubh so tha moran bhailtean anns am bheil moran sluaigh a’ gabhail comhnuidh. A dh’ aon fhacal, tha aireamh mhor chinneach anns a’ chuan, agus tha ’n gnaths agus an cleachdaidhean fhein aig gach cinneach dhiubh mar a th’ aig cinnich na talmhainn. “Tha luchairtean nan righrean agus nam prionnsachan gle mhor, agus ro mhaiseach am muigh ’s a staigh. Tha cuid dhiubh air an togail de chloich chriostail a tha gle phailt ’s a’ chuan, agus de neamhnuidean, de choral, agus de dh’ iomadh seors’ eile de chlachan luachmhor. Tha òr is airgiod, agus a h-uile seorsa de chlachan luachmhor moran na ’s pailte anns a’ chuan na tha iad air an talamh. Cha ruig mi leas iomradh a thoirt air neamhnuidean, o ’n a tha ’n fheadhainn a’s luachmhoire a chunnacas riamh air an talamh, beag, neo-luachmhor, an coimeas ris an fheadhainn a tha uaislean a’ chuain a’ caitheamh. “O ’n a tha comas againn air falbh o aite gu aite ann am priobadh nan sul le luaths miorbhuilleach agus do-chreidsinn, cha ’n ’eil feum sam bith againn air eich no air carbadan. Ach tha eich-mhara aig an righ anns na stabuill. Cha bhi e ’cur feum orra ach an corra uair a bhios feusda mhor, no greadhnachas, fa near dha. Tha cuid ann gun teagamh leis an toil a bhith ’g am marcachd an deigh dhaibh an ionnsachadh, a chum gu ’m faicear cho math ’s a mharcaicheas iad. Tha cuid eile ’g an cur ann an carbaid de neamhnuidean luachmhor air an deanamh maiseach le moran de sheorsachan shligean de dh’ iomadh dath. Tha na carbaid so fosgailte; agus ’nam meadhain tha cathair air am bi an righ ’na shuidhe a chum gu ’m faic an sluagh e. Tha na h-eich air an deanamh cho ionnsaichte ’s nach ’eil feum aca air carbad-fhear gus a bhith ’g an treorachadh. Tha moran de ghnothuichean iongantach eile ann an rioghachdan a’ chuain air nach toir mi iomradh aig an am so, ged a tha fhios agam gu ’n tugadh e toileachadh dhiubh fiosrachadh fhaighinn mu ’n deidhinn; oir feumaidh mi an drasta labhairt mu nithean a tha moran na ’s feumaile dhuinn taobh air thaobh. Agus is e sin, gu ’m bheil an doigh a th’ aca anns a’ chuan air frithealadh a dheanamh do mhnathan air an laidhe-siubhla tur eadar-dhealaichte o ’n doigh a tha aig sluagh na talmhainn, agus air an aobhar sin, tha eagal ormsa mi fhin earbsa ris na mnathan-gluine a th’ anns an duthaich so. Uime sin, o ’n a tha e ro bhuannachdail dhuinn taobh air thaobh gu ’m faighinn-sa agus na bheil air mo shiubhal gu sabhailte as an leabaidh chunnartach ud, ma chi sibhse iomchuidh e, tha mi ’smaointean nach ’eil dad a’s fhearr dhuinn na fios a chur air mo mhathair agus air mo bhanachairdean gus cuideachadh is frithealadh a dheanamh dhomh ann an leaba na siubhla. Aig a’ cheart am bu mhath leam an righ mo bhrathair a thighinn an so mar an ceudna; oir tha toil mhor agam reite a dheanamh ris. Bidh iad gle thoilichte m’ fhaicinn aon uair eile an deigh dhomh mo naigheachd innseadh dhaibh; agus gu h-araidh an uair a thuigeas iad gur mi bean righ mor agus cumhachdach Phersia. Tha mi ’guidhe air bhur morachd cead a thoirt dhomh fios a chur orra. Tha mi cinnteach gu ’n toir e toileachadh mor dhaibh urram a thoirt dhuibh; agus gabhaidh mi orm a radh gu ’n toir e toileachadh mor dhuibh fein am faicinn.” Fhreagar righ Phersia agus thuirt e, “A bhain-tighearna, is tu fhein a’s banamhaighstir; dean mar a chi thu iomchuidh. Feuchaidh mise ri gabhail riutha leis an urram air am bheil iad dligheach. Ach bu mhath leam fios fhaighinn cia mar a theid agad air teachdaireachd a chur do ’n ionnsuidh, agus c’uin a bhios duil agad riutha, a chum gu ’n tugainn ordugh seachad gach ullachadh feumail a dheanamh air an son, agus gu ’n rachainn fhein g’ an coinnaachadh.” “Mo thighearna,” arsa ban-righ [TD 91] [Vol. 9. No. 12. p. 3] Gulnara, “cha ruigear a leas dragh sam bith a ghabhail; bidh iad an so ann an tiotadh. Ma theid sibh a steach do ’n chlosaid, agus gu ’n seall sibh am mach troimh ’n uinneig, chi sibh an doigh anns an tig iad.” Cha bu luaithe chaidh an righ do ’n chlosaid na thug a’ ban-righ Gulnara ordugh do the dhe na mnathan a bhiodh a’ frithealadh dhi teine ’thoirt a steach ann an soitheach, An uair a rinn i so, thuirt i rithe a dhol am mach as a’ chlosaid. Thug i criomag de dh’ aloes am mach a bocsa, agus chuir i anns an tein’ e. Cho luath ’s a chunnaic i ceo ag eirigh as, labhair i briathran nach do thuig an righ, a bha fad na h-uine a’ gabhail beachd le mor aire air a h-uile car a bha i ’deanamh. Cha bu luaithe a chuir i crioch air na briathran a bha i ’labhairt na thoisich gluasad mor air a’ chuan. Chitheadh an righ am mach troimh uinneag na closaid an gluasad mor so a bh’ air a’ chuan. Mu dheireadh dh’ fhosgail an cuan astar gun a bhith mor o ’n luchairt, agus ann an tiotadh thainig duine og, ard, eireachdail an uachdar, agus feusag air dhath na mara air. ’Na dheigh sin thainig leith sheana bhean uasal an uachdar air an robh coltas moralach, agus coignear de mhnathan uaisle oga ’na cuideachd, nach robh dad air ais air Gulnara fhein ann an dreach ’s ann am maise. Thainig Gulnara anns a’ mhionaid thun na h-uinneig, agus chunnaic i an righ a brathair, a’ bhan-righ a mathair, agus a chuid eile dhe a luchd-daimh. Thug iadsan an aire dhise mar an ceudna. Choisich iad air an aghart gu h-aotrom luthar an deigh a cheile air bharraibh nan tonn gus an d’ rainig iad tir mu choinneamh na h-uinneig. An uair a rainig iad tir mu choinneamh na h-uinneig, leum aon an deigh aon dhiubh gu h-aotrom luthar a steach air an uinneig. Chuir righ Saleh, agus a’ bhan-righ a mathair, agus a’ chuid eile dhe a luchd-daimh failte chridheil chaoimhneil air Gulnara. (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XIII. AN CRUINNEACHADH ANN AN DUNEIDEANN. ’Nuair a chuala cùirt Rìgh Seòras an Lunnainn ma ghnàthachadh a’ Phrionnsa ann an Albainn thòisich iad air gabhail eagail agus air togail dhaoine gu feachd laidir a chuir na aghaidh; agus m’a dheireadh dara mìos an Fhoghair dh-òrduich rìgh Seòras iomadh réiseamaid de shaighdearan coise, agus marc-shluagh a dhol dìreach do dh-Alba fo chomannda Mharasgail Bhade, agus ràinig iad so cho fad air an aghaidh ris a’ Chaisteal-Nogha air an naoidheamh latha fichead de mhìos dheireannach an Fhoghair. Bha Tearlach mu’n am so a deanamh deas gu Sasuinn a ruighinn le fheachd féin.* Air cluinntinn dhaibh ann an Sasuinn gu ’n robh anabharra sluaigh air éiridh le Tearlach air feagh gach àite de dh’ Albainn: thàinig fosnear dhaibh gu ’n robh feachd Mharasgail Bhade tuileadh a’s lag air son coinneamh a thoirt do dh’ fheachd nan Gàel. Air ball thòisich rìgh Seòras air togail dhaoine anns gach baile mòr an Sasuinn, agus dh-òrduich e dhachaigh cuideachda lionmhor dheth a chuid saighdearan ionnsaichte a bha mu’n àm sin a cogadh ris na Fràngaich ann am Flànrais. Thàinig iad so a nall gun stad agus Diùc Uilleam dara Mac Rìgh Seòras féin air an ceann. Mu’n àm so bhasa meas gu’ m be Diùc Uilleam seanalair cògaidh cho math sa’ bha ’ann am Breatuinn mhòr gu léir; agus bha e chean’ an deigh mòr chliù a chosnadh, agus a sheòltachd air stiùradh airm a dhearbhadh ann an cath iomraiteach Fontonoi. A thuileadh orra so, bha tri réiseamaidean gu bhi air an togail air chosg mhathaibh agus dhaoin’-uaisle Shasuinn a chum còmhnadh le Deòrsa, agus a chum ’s gum b’fhearr a chuirte gach cùis air aghaidh thug iad dha 700,000 pund-Sasunnach an iosad. An deigh blàr Sliabh a Chlamhain dh’fhan Tearlach fad shia seachduinean ann an Lùchairt rioghail Dhun-éideinn agus a chum coinneamh a chumail ris an fheachd lionmhor a dh’ ainmaich mi a bhasa ’g ullachadh air a chinn ann an Sasuinn, chuir e deagh shùrd air daoine thional anns gach àite de’n dùthaich, araon air Machair a’s Gàeldachd. Aig an àm cheunda bha Foirbeiseach Chuil-fhodair an deigh cuid dheth na Fineachan Gàelach a thogail ann an aobhar Dheòrsa, agus gu dearbha, faodaidh mi aithris nach b’ann de dhiù nam fineachan (an àm gàbhaidh) a bha uidhir dhiu sin ’sa dh’ eirich leis, agus ni mi ’n so an ainmeachadh:—Na Duimhnich, † na Cataich,‡ na Rodhaich, na Granndaich, na Leòdaich Dòmhnullaich an Eilein-Sgiathanaich, agus iomadaidh eile air nach d’ fhuair mi ainm. Thug tighearna Chuil-fhodair mar an ceunda air Iarla-Shì-Phort ionnsaidh a thoirt air na Sàilich, na Leòghasaich, agus a chuid eile do Chlann-Choinnich a thogail an aobhar Righ Deòrsa, agus a thaobh gu’n robh fios aige nach tigeadh a h-aon diubh air àilleas gu dhol a chobhair Dheòrsa, chuir e fios a Leòghas agus do Chinntàile iad a chruinneachadh air a leithid so do latha aig Caisteal-Bhradhainn a chum dol a thogail creach bho Mhac sin an droch rùin do Mhac-Choinnich. Ach air dhaibh an caisteal a ruidhinn chaidh innseadh dhaibh gur ann gu còmhnadh leis an Righ a bhasa g’an iarraidh,—“Ciod an Rìgh?” arsa fear dhiu, “Rìgh Seòras” arsa Mac-Coinnich. Labhair iad an sin mar aon duine, nach cual’ ìad riabh iomradh air rìgh ach an aon Rìgh dligheach,* agus mar a faigeadh iad a chead-san gu dhol a chogadh na aobhar nach rachadh iad a dhortadh am fala an aobhar coigrich sam bith “co dhiu a bhiodh e na rìgh no na ridir.” Air dhaibh an rùn a thaisbeanadh mar so, phill iad dhachaigh. A Dunéideann chuir ann Prionnsa an ath-theachdaireachd gu Sir Alasbair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte agus gu Mac-Leòid Dhùn-bheagain, ag ràdh n’an eireadh iad leis aig an àm so, nach cuimhnicheadh e gu bràch dhaibh iad ga dhiùltadh a’ chiad uair a dh’ iarr e orr’ éiridh, ach cha’n éireadh na daoin’-uaisle sin le Tearlach air chumha sam bith. Dh’innis mi air tùs na h-Eachdraidh gum b’e Tighearna Chuilfhodair bu choireach iad a dh’ fhantainn air ais. Chuir an Prionnsa an ath theachdaire gu Morair Sim, Mac-Shimidh na h-Airde ceann-cinnidh nam Frisealach, agus bh’an duin’-uasal sin greis eadar dha bharail, co dhiù thogadh no nach togadh e chuid daoine ann an aobhar Thearlaich. Bha dearbh-chinnt aige na’n rachadh an agaidh a’ Prionns’ air a cheann ma dheireadh, gun cailleadh e chuid a’s oighreachd, agus a bheatha mar an ceudna, nan rachadh e idir ’s an eidriginn agus a chum gean math na Pàrlamaid Shasunnaich a chosnadh, dhiùlt e Tearlach as is as, nam b’ fhior. Ach cho luath sa dh’ fhàg an duin’-uasal a bh’ air teachdaireachd a’ Phrionnsa caisteal Dhun-Shìth thug Mac-Shimidh air Frisealach Ghort-taobhlaic muinntir na h-Airde agus fearann eile Mhic-Shimidh a thogail fos-n-iosal mar gun b’ann gu’n fhios do Mhorair Sim féin agus cho luath ’sa fhuaradh cruinn iad, chur Mac-Shimidh fios air a mac bu sheine nach robh mu’n àm so ach ma ochd bliadhna diag e dh’ aois, agus a bha anns an sgoil ann an Oil-taigh Chille-Ribhinn, e thighinn dhachaigh gu grad, agus air dha thighinn, tha cuid a cumail a mach gun do cho-éignich athair e gu falbh air cheann nan daoine mar gum b’eadh a dh’ ain-deoin athar, nach b’ urrainn le aois a’s anmhuinneachd an eis bu lugha ’chuir air a mhac cheannairceach so! Dh’ fhalbh an t-òigear so agus na Frisealaich a chum Dunéideann a ruidhinn, ach bha ’m Prionns air falbh do Shasuinn seachduin mu ’n d’ rainig iad, agus cha deach’ iad na b’ fhaid’ air an turas sin. Co dhiubh, bha ’n cruinneachadh sluaigh a thàinig gu bratach Thearlaich ann an Dunéideann, mar nach Shimidh na h-Aird, a bha mu ’n àm b’ olc, agus b’e ’n chiad fhear dheth na h-uaislean (Gallda, no Machrach) a thainig da h-ionnsaidh Morair Ogilbhie mac Iarl Airlie, a thàinig do’n bhaile air an treas latha de mhìos dheireannach an Fhoghair le feachd shia ceud fear, bha chuid mhòr de na daoine so dheth a chinneadh féin, agus do mhuinntir Shiorramachd Fhor-fhair. Air an lathair-na-mhàireach thainig Gòrdonach Ghlinne-Bucaid le ceithir cheud fear á braighe Shiorramachd Obaireadhain. Air an naoidheamh latha thàinig Morair Phitsligo le còmhlan lionmhor dhaoin’-uaisle bho Shiorramachdan Obaireadhain agus Bhainbh.Air an t-sia-amh latha diag, thàinig Morair Luthais Gòrdon le feachd lionmhor; agus iomadaidh eile air nach d’fhuair mi ainm. Air dhaibh a dhol gu léir cuideachd bha ma thuaiream sia mile fear-feachd aig Tearlach cruinn. ’Nuair a chuala Rìgh Seumas air tùs gun dh’ fhalbh am Prionnsa do dh’ Alba air tì a dhol a chogadh ri Rìgh Deòrsa, ged a bha e faicinn na cùise mi-choltach, rinn e gach ni bha na chomas, mar bu nadurach do dh’ athair tlusmhor agus eudmhor a dheanamh as leth mic. A chum còmhnadh le Tearlach ann an cosgais chogaidh; chuir an Rìgh sùim 200,000 francs* gu Mr. O’ Brian fear-riaghlaidh a ghnothaichean ann am Pàrais a chum nam fiach a b’ air a Phrionns anns a’ bhaile sin a dhioladh, agus chuir e mar an cianda 50,000 francs† gu Mr. Bhaters a bha na Bhancair ann am Pàrais a chum a chuir an déigh Thearlaich do dh’ Albainn; tacan an deigh sin chuir e 80,000 crùn Ròmanach chun a Bhancair chianda, a’ gealltainn 28 crùn Ròmanach a chuir thuige rithist ann an beagan ùine; thuird an rìgh gun dh’ fhàg na bha sin a dh’ airgead a thoirt seachad a sporan glé aodrum. A thuileadh air sin chuir e litir gu rìgh na Fràinge a’ cruaidh sparraidh air feachd laidir dheth a chuid daoine chuir a dh’ Albainn gu còmhnadh le Tearlach. Goirid an deigh Dunéideann a ghlacadh chuir am Prionnsa féin Mr. Kellie do’n Fhràing a dh’ innse cho math sa’ bha e tighinn air aghaidh ann an Alba a chum misneach a thoirt do Rìgh na Fràing’ a chuid dhaoine chuir a nall. Tacan an déigh sin chuir e Sir Seumas Stiùbhart do’n Fhràing mar thosgaire dh’ ionnsaidh an Rìgh a chum naigheachd Mr. Kellie a dhaingneachadh. Agus rainig Flath cnmhachdach eile mhuinntir na Fràinge, an Diuc de Bouillion (companach dealaidh a bh’ aig a’ Phrionnsa féin ’nuair a bha e san Rioghachd sin) an Rìgh a chum iompaidh a chuir air còmhadh le Tearlach. Ma thoiseach mìos dheireannach an Fhoghair thàinig caochladh luingeis *Chuir Marasagal Bhade gairm air feadh na h-Alba. Gach duine a cho-eignich na h-uachdaranan gu eiridh leis a’ Phrionnsa ga’n an-toil gu’m faigheadh iad mathanas bho Dheorsa na ’m b’e is gum pilleadh iad dhachaigh ro’n dara latha diag de chiad mios a Gheamhraidh. *Na Caim-beulaich. †Tuath Mhorair Cat. *Righ Seumas athair a Phrionnsa. 8750 Pund-Sasunnach. †2187 Pund-Sasunnach [TD 92] [Vol. 9. No. 12. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, SEPTEMBER 21, 1900. Facal mu’n “Mhac-Talla.” O DHEAGH CHARAID:— Tha mi sgriobhadh so air son innse dhut cho measail ’sa tha mi air do phaipear gasda. Cha’n eil uair a ruigeas e m’ fhardoich nach dean mi féin ’s gach neach a tha fo dhruim an taighe toileachadh ris, agus aon uair ’s gu faigh mi am laimh e, cha leig mi as e gus an leugh mi am facal mu dheireadh dheth. Tha bòsd mor orm air a shon, agus ’se mo dhòchas gu’n Gàilig a th’againn. Cha robh paipear soirbhich leis. ’Se an aon phaipear Gàilig ann riamh roimhe a bha tigh’nn a mach uair ’san t-seachdain, agus cha robh eadhon paipear miosail ann gu ruige so a mhair thar sia bliadhna. Tha MAC-TALLA nise ruith o chionn còrr us ochd blindhna, agus tha e fàs na’s làidire gach mios us seachdain a tha ’dol seachad. Cha’n eil coltas a’ bhàis air idir; ’s ann a tha fior choltas na slainte air, agus mo làn chead aige! Ann am MAC-TALLA tha againn paipear ’nar cainnt fhéin, a sheasas sinn, agus a thig ugainn le sheanachas taitneach uair ’san t-seachdain fhad ’sa bhios sinn gu leir dileas dha ’sa chuireas sinn sin ’na chomas. Ach tha eagal orm nach eil sinn a’ deanamh air a shon uiread ’s bu chòir dhuinn. Tha moran dh’am b’àbhaist a bhi gle eudmhor ag iarraidh luchd-gabhail dha ’sa sgriobhadh air a shon a tha air sgur dhe’n obair ion-mholta sin cha mhor gu buileach. Cha’n ann a chionn gu bheil iad a faotainn coire sam bith dh’an phaipeir, no a’ fàs suarach uime; cha’n ann, cha’n ann; tha iad cho measail air ’sa bha iad riamh, agus cha sguireadh iad dhe ghabhail air son rud sam bith. Ach tha iad a’ smaoineachadh gu bheil e a nise air bhonn cho math ’s nach eil feum aige air a’ chòrr cuideachaidh. Cha b’urrainn dhaibh mearachd bu motha dheanamh. Cha’n eil am paipear sin ann is urrainn soirbheachadh gun a luchd-gabhail a bhi deanamh cuidheachaidh leis. Agus ged a bhitheamaid làn chinnteach gu’n rachadh aig a’ MHAC-TALLA air cumail air adhart gun chuideachadh sam bith uainne,cha’n e sin crioch a ghnothuich. Cha’n eil sinn a mhàin ag iarraidh am paipear Gàilig bhi air a chur a mach uair ’san t-seachdain mar a tha e, ach tha sinn air son e bhi a’ fàs na’s fhearr agus na’s motha. Tha sinn taingeil e bhi againn mar a tha e, ach cha bhi sinn toilichte mur bi e ’fàs ’sa dol am feobhas. Agus ’se ’n aon rud a dh’ aobharaicheas sin tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn dha. Mar is motha ’n àireamh a bhios ’ga ghabhail, ’s ann is comasaiche bhios iadsan a th’air a cheann air a dheanamh na’s motha agus na’s fhearr. Agus nan rachamaid an guaillibh a chéile air an fhoghar so, tha mi cinnteach gu’n rachadh againn air àireamh a luchd-gabhail a dhùblachadh romh dheireadh na bliadhna. Na’m faigheadh gach aon tha ’ga ghabhail an dràsda aon fhear-gabhail ùr dha, (agus tha mi smaointeachadh nach bu mhor an obair sin) bhiodh sin deante an ùine gle ghoirid. Tha mi-fhéin a’ gealltuin dhut, ma bhios mi beò, slan, gu faigh mi air a chuid is lugha COIGNEAR a ghabhas e mu’n tig Bliadhn’ ùr. Ma gheibh mi deich dhut, ’se is fhearr, ach cha dean mi cinnteach dhut ach a coig. ’Se ’s dòcha gu’m bi mi gle dhripeil a chuid a’s motha dhe’n ùine, ach drip ann no as, ni mi na’s urrainn mi air son MHIC-TALLA, ’s air son an duine chòir a tha ’ga dheasachadh. Saoilidh mi gu’m bi àireamh mhath comasach air deanamh cho math riumsa, ach iadsan nach eil tha mi ’n dòchas gu’n dean iad na’s urrainn daibh. Deanamaid uile ar dichioll, agus càrnamaid suas na h-ainmean ùra ’s na dolair air bòrd-sgriobhaidh MHIC-TALLA gus an tig fiamh an aoibhneis air a ghnùis ’s an dean e gàirdeachas a bhi ’faicinn gu bheil sinn a’ cur meas iomchuidh air toradh a shaoithreach. An dòchas gu’n cluinn thu uam an ùine ghòirid, is mi, Do Charaid Dileas, CALUM A’ GHLINNE. Iadsan a Phaigh. Uisdean Mac Aonghais, Horne’s Road. Domhull I. Mac Aonghais, Horne’s Road. Eachunn Mac Neill, South Bar. Seumas Gillios, Sidni. D. M. Mac Mhuirich, Sidni. Iain Mac Dhiarmaid, Boulardarie. D. R. Domhnullach, Boulardarie. Domhull Mac Gill-fhinnein, Port Hood. Iain Mac Gill-fhinnein, Amhuinn Dhennis. Tormad Mac Leoid, Bucklaw. Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake. An t-Urr. W. A. Mac Coinnich, Johnstown. Domhull I. Mac Neill, Cul Iona. Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn. An t-Urr. D. Siosal, Heatherton, N. S. Bean Iain D. Mhic Gille-brath, Allt a’ Bhaillidh, N. S. Bean Chaluim Mhic Leoid, Valleyfield, E. P. I. Caitrine Chaimbeul, Fullerton, Ont. Domhull D. Mac Leoid, Hampden, Que. Domhull Domhnullach, Steornabhagh, Que. Cailean Siseal, Lunnainn, Sasunn. Gilleasbuig Mac Gilleain, Kennington Cove. Alasdair S. Mac Leoid, Framboise. Domhull Mac Neacail, Catalone. Lachuinn I. Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie. Iain Mac Leoid, Sidni Tuath. N. D. Mac Dhuibhi, Meinn Ghuail Mhabou. A. D. Mac Leoid, Kinross, E. P. I. Iain Mac Thearlach, Ottowa, Ont. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 93] [Vol. 9. No. 12. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh muilleann-sàbhaidh a losgadh aig Drochaid Graham, an Judique, oidhche Di-satharna, an ochdamh latha dhe’n mhios so. Bhuineadh i do dhithis dhaoine, Beutonach agus Camaronach. Cha robh urrasachadh sam bith oirre, agus mar sin tha an call gle throm orra. Chaidh soitheach-smuglaidh d’am b’ainm Howard a ghlacadh aig Sidni Tuath feasgar Di-màirt. Thaimg i stigh do’ n acarsaid gus i-fhéin a shàbhaladh o’n stoirm agus mu ’n robh an stoirm seachad rinn luchd na cusbuinn greim oirre. Mu’n d’ rainig luchd-na-cusbuinn i bha ’n sgioba an deigh roinn mhor de’n luchd a thilgeadh aisde. Tha exhibition Halifax a’ dol air adhart gu math; tha àireamh mor sluaigh a’ dol g’a ionnsuidh gach latha, agus bha’n t-side ’chuid a b’fhearr dhe’n ùine gle fhabharrach. Cha’n eil muinntir Cheap Breatunn, a reir coltais, a gabhail suim mhor sam bith dhe’n exhibition so; cha’n eil am bliadhna ach dithis no triuir a mhuinntir an eilein so a chuir ni ’ga shealltuinn ann, agus cha robh bliadhnaichean roimhe so dad na b’fhearr anns an dòigh sin. B’e Dior-daoin an latha mu dheireadh dheth, agus an ioma doigh an latha b’fhearr. Cha do phaigh e air an turus so a bheag na b’fhearr na rinn e bliadhnaichean roimhe. Tha strike mhor air tòiseachadh ann am mèinnean guail Phennsylvania. Tha mu shia fichead mile duine ’nan tamh air an t-seachdain so, agus tha e gle choltach gu’m bi mu fhichead mil’ eile nan tàimh an ceann a dha no tri lathaichean. Cuiridh so call agus éis mhor air an dùthaich gu h-iomlan, oir bha ’n gual gle ghann mar a bha. ’S e dh’ aobharaich an strike na daoin bhi ’g iarraidh tuilleadh tuarasdail agus nithean eile a bha, a reir barail moran, gle reusonta, ach dhiùlt na cuideachdan d’am buin na mèinnean ni sam bith dhe na bha iad ag iarraidh a thoirt daibh. Gu ruige so tha na daoine gle shitheil, agus tha dòchas nach bi troimhe-chéile sam bith nam measg agus gu’n tig iad-féin ’s na cuideachdan an uine ghoirid gu còrdadh. Gheibhear an àit eile anns an àireamh so litir o charaid a tha air son tuilleadh luchd-gabhail fhaicinn aig MAC-TALLA ’sa tha deònach a chuid fhéin a dheanamh gus an àireamh a dhùblachadh romh dheireadh na bliadhna. Cha’n eil sinn a’ faicinn gu’m biodh e doirbh sam bith sin a dheanamh. ’Nan deanadh gach aon a tha ’ga ghabhail na tha ’na chomas, bhiodh e deante an ùine gle ghoirid. Gun a dhol thar criochan ar dùthcha féin, tha na miltean de theaghlaichean Gàidhealach air feadh Cheap Breatunn, Nobha Scotia, Eilean a’ Phrionnsa, Cuebec, Ontario, Manitoba, ’san Iar Tuath, anns am bu chòir do MHAC-TALLA bhi taghal gach seachdain, agus anns am bitheadh e taghl ’nan deanadh a chàirdean dichioll. Tha mar an ceudna moran Ghàidheal anns na Stàidean dh’ am bu chòir a bhi ’ga ghabhail, agus ann an Alba, seann deachaidh na Gàilig. Tha sinn an dòchas gu’n tòisich iadsan a tha ’ga ghabhail anns gach àite air an deagh obair so. Rinn an stoirm a bh’ ann air an t-seachdain s’a chaidh call mor air na soithichean iasgaich an Eilean a Phrionnsa. Aig Caraquet, bha moran bhàtaichean air an call, agus bhàthadh àireamh mhor de na h-iasgairean. Fhuaireadh mar tha da chorp dheug, agus tha mu dha uiread sin de dhaoine air chall. Aig Murray Harbor chaidh sia soithichean a thilgeadh air tir, agus a tri aig Souris. Fhuaireadh duine d’am b’ainm Lemmel Bridges marbh faisg air an rathad-iaruinn aig Seana Bhridgeport maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Thatar a’ deanamh gu’n do thuit e bhar carbaid a bha dol a mach do Ghlace Bay an oidhche roimhe sin. Bha e 40 bliadhna dh’ aois. Thainig e an so á Boston, far an d’fhàg e teaghlach. Bhuinneadh e ’n toiseach do Bhaile Shearlot, E. P. I., far an robh ’athair na cheannaiche feòla. Maduinn Di-haoine s’a chaidh fhuaireadh an soitheach-seolaidh Greta air a beul foidhpe anns a chuan mu dha fhichead mile an eara-dheas air Scatarie. Cha d’fhuaireadh sgeul air duine dhe’n sgioba, agus cha’n eil teagamh nach robh iad uil’ air am bàthadh. Chaidh bàta-tarruinn air a tòir Di-satharna, agus rainig i Louisburg leatha feasgar Di-dònaich. ’Se soitheach ùr a bh’anns a Ghreta; chaidh a togail ann an Dorchester, N. B., deireadh an fhoghair s’a chaidh. Bha i ann an Sidni Tuath le luchd guail latha no dha romh ’n stoirm a dh’aobharaich a call. Tha an cogadh anns an Transbhaal gle fhaisg air a bhi seachad. Tha buidhnean mora de na Boerich an deigh toirt suas do na Breatunnaich, ’s cuid eile dhiubh air tilleadh dhachaidh. Thug Buller a mach Lydenburg, an t-àite anns an robh iad a cur rompa seasamh ’nuair a chailleadh iad anns gach àit eile. Cha’n eil mar sin dhaingneachd no àite làidir sam bith air fhàgail aca, agus cha’n urrainn daibh tilleadh mor sam bith a chur air an arm Bhreatunnach tuilleadh. Tha dùil ris an t-sith a bhi air a gairm le Breatunn an ùine ghoirid; tha Morair Roberts a dol air ais gu Sasuun air an ath mhios. Bidh am beagan cathachaidh a bhios ri dheanamh an deigh sin air fhàgail aig na ceannardan eile. Tha Crugar an deigh an Transbhaal fhàgail; an sgeul mu dheireadh a fhuaireadh air bha e ann an Lorenzo Marquese, air fonn Phortugal. Cha leig na Phortugaich teachdaireachd sam bith air adhart eadar e-fhéin ’sa chuid oifigeach, agus mar sin tha e air a sgaradh bho’n Transbhaal gu buileach. Cha’n eil aig a nis ach a bhi ’toirt na Roinn-Eòrpa air far am faod e chuid eile dhe làithean a chur seachad gu socair seasgair a cosg an airgead a thog e leis á ionmhas na dùthcha a bha e riaghladh. Cha dean na Breatunnaich greim air tuilleadh, o’n fhuair e air fonn dùthch’ eile, ach ’s math leo e bhi cuibhteas an Transbhaal; cha robh dùil aca ris an t-sith fhad ’sa bhiodh e ann. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. $7.00 A Phris air am bheil sinn a’ creic deise mhath “D. B.” de Chloth cloimhe. Ma tha deis’ ur a dhith ort, ’s gu bheil thu air son luach t’airgeid fhaighinn, cha’n eil aite ’s an fhusa dhut sin a dheanamh na anns an stor againne. Na ceannaich air chor sam bith gus am faic thu an stoc a th’againn. 30 paidhir de BHROGAN DEARGA BHAN, “OXFORDS” a b’abhaist a bhi $3.00, a nise $1.95 25 paidhir de BHROGAN OBRACH a b’ abhaist a bhi $1.50, a nise $1.32 100 paidhir de THRIUBHSAIREAN matha “TIVERA” a thatar a creic ann an storaichean eile air 98c. agus $1.25, a falbh air 79c. Gheibh thu t’airgead air ais mur bi thu riaraichte. H. H. Sutherland & Co. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. aM tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 94] [Vol. 9. No. 12. p. 6] Fràngach gu Montrose, agus gu Calanan-Clach; agus aon long gu Dùthaich Mhic-Aoidh. Thug an luingeas so a nall gunnaidhean gu leòr, fùdar a’s peileireann; Anns a chiad luing dhiù so thainig 5000 pund-Sasunnach de dh’ airgead-ullamh, 2500 àrm: agus an Tosgaire Fràngach do ’n goirte ’m Marcus D’ Eguilles. Thàinig na bha’n so sàbhailte gu làmhan a Phrìonns’ air an deich-amh latha de ’n mhìos. Ach ghlac na Cataich le foill an long a thàinig do Dhùthaich Mhic-Aoidh. Goirid an deigh so thàinig long bheag Fhràngach eile, a thug a nall beagan airgeid agus oifigeich Fhràngach, agus Eireannach maille ri sia gunnaidhean mòra. Mu’n àm so chuir am Prionnsa gairm air feagh gach dùcha mu’n cuairt gun robh e cur mar chìs air gach tuathanach, (gach fear a réir a chomais) fodar, fiar, agus sìol a chuir gu ruige Dunéideann, air a leithid so do latha, air son innlinn da chuid each-cogaidh, agus aon sam bith dhiu nach biodh umhail do’n ghairm, bha feachd gu ruidhinn a chùm na cìse so a thoirt dheth le lamhachas-laidir—ach cha tàinig orra sin a dheanamh, thàinig fodar, fiar, a’s sìol gu leòr a steach do’n bhaile air an latha shonraichte. Ré na h-ùine dh’ fhan Tearlach sa’ bhaile bha mòd ceartais a’ suidhe gu breth, agus chaidh caochladh luchd-reubainn a’s droch-bheirt a dhìteadh, agus a’ chrochadh. (Ri leantuinn.) Litir o Chailean Siseal. FHIR-DEASACHAIDH:— Tha mi an so am baile Dawson, faisg air ceann tuath no crann tuath (north pole) an t-saoghail. Tha mi tuigsinn gu bheil sibh a’ cur a MHIC-TALLA agamsa gu mo charaid, an Dotair Gillios ann an Lunnainn. Tha sin ceart gu leòr; seòlaibh g’a ionnsuidh e gus an cluinn sibh bhuamsa rithist. Cha’n eil fhios agam co dhiu phàigh Ian Mac Coinnich air mo shon am bliadhna; tha mi fo eagal nach do phàigh, agus anns a’ bharail sin tha mi ’cur dolar ugad air son na bliadhna tha ruith. Tha mi smaointeachadh gur e dolar gu leth a phris, ach cha’n eil mi cinnteach; ma ’se agus gu bheil an t-suinn goirid, pàighidh mi da dholair an ath bhliadhna. Tha mi dol air ais do Lunnuinn air a’ gheamhradh so. Cuiribh “da dolair an ath bhliadhna” os deigh m’ ainme anns an t-sreath “Iadsan a Phaigh,” a chum nach dean mi dearmad ort. Tha mi toilichte innse dhut gu bheil barrachd Gàilig air a labhairt ann an Dawson na chuala mise bho cheann iomadh latha agus oidhche. Ge bochd an gnothuch, tha tuilleadh Gailig ann an Dawson na tha ann an Strathghlais, an Alba. Ach bha la eile ann. Tha na daoine bu chòir a bhi ’n Alba ann an Canada Taing do Dhia, cha’n eil guth air na “game laws” ann an Canada fhathast. Na’m bitheadh rachadh ruaig air na daoine á Canada mar a chaidh air na Gàidheil bhochda as an dùthaich féin. Ach tha mi toilichte gu’n d’fhuair luchd-riaghlaidh na dùthcha mach nach deanadh féidh nam beann saighdearan airson cliù na rioghachd a sheasamh anns an Transvaal no ann an China. O, mo chreach! cha’n eil daoine anns a Ghàidhealtachd. Tha gille math anns a bhaile so a cur bheannachd do ur n-ionnsuidh—Seumas, mac Phadruig Mhoir á Hogomah—smear an duin-uasail. Tha moran de mhuinntir Cheap Breatunn ’sa bhaile so, a’ bùrach ’sa ruamhar air son an òir. Cha’n fhiach ach òr an so; cha’n eil airgead ri fhaicinn ach a h-uile fear agus pocan òir aige, agus le òr a pàigheadh gach ni. Le beannach, i ’s mise. Ur Caraid, CAILEAN SISEAL. Dawson City, Yukon, Canada, Ogust 26, 1900. An uair a tha daoine a tha ann an suidheachadh àrd urramach air an gairm air falbh, tha e gu tric a’ tachairt gu ’m bi eagal air mòran dhe na dh’ fhàgar ’nan déigh nach fhaighear daoine freagarrach gu seasamh ’nan àite. Ach tha fhios aig an Fhear a chruthaich an saoghal, agus tha gu glic ’ga riaghladh, gu ’m bheil daoine ann a tha freagarrach gu leòr gus seasamh ann an àite nan daoine a tha e fhein a’ toirt air falbh. Tha misneach a cheart cho feumail dhuinn ri eòlas. Cha dean saighdear gun mhisnich feum sam bith anns a’ chogadh? Nach fhaodar a radh le firinn gur e cogadh a th’ann am beatha gach duine? Nach ’eil gach duine a’ cogadh an aghaidh trioblaid, bròin, agus bais? Nach ’eil sinn a cogadh an aghaidh laigse agus anamhuinneachd? Nach ’eil sinn a cogadh an aghaidh bochdainn, agus éis, agus comadh crannachuir? Cha ’n ’eil e a réir nàdur an duine a chrois a ghiùlan, speis a thoirt dhi, a cholunn a chlaoidh ’s a chumail fo smachd, a bhi seachnach air onair, déigheil air masladh fhaotainn o dhaoin’ eile, cur suas leis gach ana-cothrom is calldachd, gun iarraidh air morchuis saoghalta. Chluinn sinn gu tric iomradh air daoine a tha comasach air labhairt ann an iomadh canain, ach is ainneamh a chluinnear iomradh air duine aig am bheil eòlas coimhlonta air a chainnt mhàthaireil. An seirbhiseach nach ’eil dìleas ann an obair a mhaighstir, tachraidh dha air a’ [?] [?]heireadh mar a thachair do ’n stiùbhard eucorach—cuirear as a dhreuchd e. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 95] [Vol. 9. No. 12. p. 7] Marbhadh nan Ian. Tha moran dhaoine, gu sònruichte balaich òga, nach ’eil suim ’sam bith aca de na h-eòin bheaga a tha ’g itealaich mu’n cuairt. Tha iad uile deas gu clach a thilgeadh air na creutairean beaga gun lochd. Nam biodh fhios aca, air neo na smaointicheadh iad gur e Dia a chuir air an talamh iad, agus gur anm air son math an duine tha iad, ma dh’ fhaoide nach bitheadh iad cho deas g’ am marbhadh. Cha ’n ’eil na h-eòin bheaga sin a chòir cho bragail ris na balaich. Tha iad a’ deanamh agus a’ toirt an aire d’ an obair fhein gu sàmhach, socrach, gun turas a ghabhail ri duine no ri beathach. “Ah,” arsa cuid agaibh, “cha ’n ’eil fhios ciod tha iad a deanamh; cha ’n ’eil dad ach a milleadh arbhair.” So agad cuid de na nithean feumail tha iad a deanamh; tha iad ag itheadh nam burach a tha cho millteach air càl, agus luighean eile,tha iad mar an ceudna a cuideachadh an tuathanaich le bhith ’g itheadh chreutairean millteach bhios a tolladh nan duilleagan agus ag itheadh nan diasan. Tha an naigheachd bheag a leanas a leigeil fhaicinn dhuinn mar a fhuair Righ araidh a mach gu de am feum tha anns na eòin. Bha gàradh briagh aig Righ Phruisia anns an robh a h-uile seorsa meas a b’ fhearr a’ fàs. Aon là chunnaic e moran de na h-eòin bheag bhòidheach sin ris an arbrar gealbhoinn,—a’ suidhe air craoibh air an robh meas mor aig an Righ. Nis bho ’n bha an t-acras air na h-eòin, smaointich iad gun deanamh iad fleadhachas ar measan an Righ. Las an Righ le feirg ’nuair a chunnaic e a chraobh bhriagh air a spuinneadh aig na h-eòin, agus thubhairt e nach b’ fhada bhitheadh ceann air amhaich aca. Mar a thubhairt b’ fhior. Thòisich an Righ air cur às do na h-eòin le sgillinn agus bon-a sia a thairgsinn air son a h-uile cuig a bheireadh iad uige de na h-eòin. Bha na daoine cho deònach air an Righ a thoileachadh ’s gun robh gealbhoinn a tighinn uige bho gach cearn de ’n duthaich. Bha an Righ cho toilichte mar a thoisich na h-eòin air dol an luthad, ’s bha e uile fhiosrach gu’m fasadh na measan mar nach do rinn iad riamh roimhe. Ach thainig sluagh a bu mhiosa-na na h-eòin air chéilidh do ghàradh an righ, agus dh’ith iad a h-uile gas a bh’air na craobhan. B’e so na buraich agus biastagan beaga millteach eile. A dh’ aindeoin de ’dheanadh an Rìgh agus a ghàradairean cha d’ fhàgadh anns a’ ghàradh ach na stocan cruaidh. Sgaoil na creutairean so mar phlàigh eile air feadh na tir agus cha robh arbhar no meas no craobh nach robh air [?] luath sa ghobaicheadh e troimh’n talamh. An nis chunnaic an Righ gun robh aobhar aige eagal a bhi air. Dh’innis daoine glice dha gu’m b’e cion nan ian a bha deanamh so, agus dh’òrduch iad dha cur ma dheighinn eoin fhaotainn cho luath so b’ urrainn dha. Ach cha robh e cho furasda am faotainn sa bha e cur as daibh. An nis b’ eigin dha tri boinn-a-sia eile thoirt seachad air son cuig eòin fhaotainn ann an aite nam feadhainn a mharbhadh. Ach chaidh bliadhna no dhà seachad mu’n robh Pruisia cho stochdaichte ’s a bha e roimhe. “Feumaidh am maireach pàigheadh air son an ni cearr a rinneadh an diugh,” mar tha an sean-fhacal ag ràdh. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 96] [Vol. 9. No. 12. p. 8] SONAS NAN NAOMH. LE DUGHALL BUCHANAN. ’N sin labhraidh Criosd ri luchd a dheis,— Sìbhse ta deasaichte le m’ ghràs, Thigibh is sealbhaichibh an riogh’chd Nach faic a sonas crioch gu bràth. Spealg mis’ an geat’ bha oirbhse dùint’, Le m’ ùmhlachd ’s m’ fhulangus ro gheur, ’S dh’ fhosgail an t-sleagh gu farsuinn suas Am leth-taobh dorus nuadh dhuibh fein. ’Chum craoibh na beath’ ta ’m Pàras De Le éibhneas teannaibh staigh d’a còir, ’S a feartan iongantach gu léir Dearbhadh ur n-uile chreuchd ’s ur leon. An claidheabh rùisgt’ bha laist’ ga ’dion O laimh bhur sinnsir, Adhamh ’s Eubh, Rinn mise truaill de m’ chridhe dhà, ’S a lasair bhàth mi le m’ fhuil féin. Fo ’dosraich ùrair suidhibh sios, Nach searg ’s nach crion am feasd a blàth’, ’S mar smeoraichibh am measg a geug ’Chum molaidh gleusaibh binn ur càil. Le ’maise sàsaichibh ur suil, Is oirbh fo ’sgàil cha drùigh an teas; O ’duilleach cùbhraidh òlaibh slàint’, Is biobh neo-bhàsmhor le a meas. Gach uile mheas tha ’m Pàras Dé, Ta ’nis gu leir neo-thoirmisgt’ dhuibh; Ithibh gun eagal o gach géig, An nathair nimh’ cha teum a chaoidh. Is uile mhiann ur n anma fein Làn shàsaichibh gu leir an Dia, Tobar na firinn, iochd, is graidh A mhaireas làn gu cian nan cian. Mor-innleachd iongantach na slàint’ Sior rannsaichibh air àird’ ’s air leud, ’S feadh oibrichean mo rioghachd mhòir Ur n-Eolas ciocrach cuiribh ’m meud. ’Ur n-eibhneas, mais’, ur tuigs, ’s ur gràdh Bithcadh gu siorraidh fàs na’s mò; ’S cha choinnich sibh aon ni gu bràth Bheir air ur n anam cràdh no leon. Cha ’n fhaca suil ’s cha chuala cluas Na thaisg mi suas de shonas duibh; Imichibh ’s biodh ur dearbhachd fein Sior innse sgeil duibh air, a chaoidh. Rugadh Dùghall Buchanan ’sa bhliadhna 1716. Bha e na ’mhaighstir-sgoil’ ann an Rainneach. Bha buadhan laidir inntinn aige agus eolas farsuinn. Bha e na ’bhàrd fiòr chomasach. Chaochail e ’sa bhliadhna 1768. IARRTAS AN ANAMA. LE IAIN MAC-AOIDH. Math mo chiontan gu saor dhomh, A tha lionmhor is uamharr’, ’Dhe, air sgàth an Fhìr-shaoraidh, ’Dhòirt mar iobairt ’fhuil uasal. Dion mi ’s gleidh o gach cunnart, Dòirt spiorad nan gràs orm; ’S dean mo ghlanadh gu h-iomlan ’N tobar iocshlaint na slainte. Dean do ghlòir-sa mar chrioch dhomh, Dean mo riaghladh gu gràsmhor, ’S tu an Cruthaighear siorruidh, ’Rinn ’s a dhealbh le do làimh mi. ’S moch a thréig mi do shlighe, ’S gu bheil m’ fhiachan gun aireamh; Gabh ri toillteanas Chriosda, Is na iarr aig mo laimh-s’ iad. Dean mi réidh ris na ’phearsa, Thoir gu comunn a ghràidh mi; Cuir an àireamh an treud mi, ’S mis’ a chaora ’bha caillte. Rugadh Iain Mac-Aoidh ann an Cataobh mu ’n bhliadhna 1695. Bha sgoil mhath aige, agus bha e na dhuine fiosrach, diadhaidh, measail. Sgriobh e moran de laoidhean gasda—laoidhean a bha gle fheumail ri ’n latha fhein. AN AISEIRIGH. LE DAIBHIDH MAC-EALAIR. Na ’shuidh aig deas-laimh Athar ta Criosd le gràs os ar cionn, A cur oifig sagairt an gniomh A dheasachadh rioghachd dhuinn. Ach thig an t-am ’san dig Mac Dhé, Creidibh mi an sgeul gur fior, Le mìltibh mìle ’dh-ainglibh treun ’Thoirt oirnn breith do réir ar gniomh’. Seidear an trompa ’n sìn gu h ard Leis na h-ainglibh ’s àille snuadh; Eiridh na mairbh an àird o ’n ùir, Is gabhar cunntas o na chuan. Liubhraidh an uaigh na fhuair i fein, Cha bhi neach de ’n trend air chall, Nochdar iad uile ’m fianuis Dé, ’S e Mhac fein a’s breitheamh ann. Bidh iadsan soilleir ann an sin, Mar sholus dealrach an dreach. Thig Criosda nan coinnimh le gean, ’S bidh sith an comunn nan ceart. Tha na rannan so air an tabhairt seachad mar tha iad ann an Co-chruinneachadh Mhic Gillios, a chuireadh am mach ’sa bhliadhna 1786. Cha ’n fheil iad am bardachd cho math so ann an Sar-obair nam Bard. Tha ’m facal trompa—cha ’n e tromb—a ciallachadh trombaid. BAS. Aig an Eilean Chruinn, C. B., air an darra latha deug dhe ’n mhios, Eachunn Mac Gilleain, ceithir fichead bliadhna ’sa seachd a dh’ aois. Rugadh e ann an Uidhist, an Alba ’sa bhliadhna 1813, agus thainig e do Cheap Breatunn ’sa bhliadhna 1841 Tha bhi ’milleadh biadh dhaoine na ni nach dean neach sam bith anns am bheil onoir, agus bu chòir a pheanairteachadh leis an lagh Tha Union Blend Tea glan, agus ’si ’n seòrsa ti a’s fhearr a tha ri faotainn; 25, 30, 35 agus 40 sent am punnd. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 97] [Vol. 9. No. 13. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 28, 1900. No. 13. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XVIII. MAR A RINN NA DAOINE MATHA SUAS AN CALL. Bha ’n t-Iarla ’s a bhean agus na h-uaislean eile, ’s an àm cruinn ’an rùm-mor a’ chaisteil a’ feitheamh na suipearach, a bha nise faisg air a bhi deas. Air na ballachan mu ’n cuairt bha obair-ghreis eireachdail, anns an robh air an tarruinn le innleachd mhiorbhuilleach dealbhan gach ni a bhuineas do ’n fhaoghaid, mar tha sealgairean, eich, coin, feidh agus mathain. Bha na daithean, dh’ aindeoin na h-aoise, fhathast soilleir; agus na ’n tachradh dhuit dol a stigh do ’n rùm, gu h-araid ’san oidhche, ’n uair a bhiodh solus nan coinnlean ceireadh a dealradh mu ’n cuairt, shaoladh tu gu ’r ann an coille a bha thu. Rainig an sagart greis rompa, agus dh’ eisd an sgioba uile gu dion ri naigheachd Iacob ’us Màiri. Dh’ innis e cho durachdach mu chliu an t-seann duine choir; sheall e gu soilleir dhaibh cho fiachail, ceart ’s a bha e fhad ’s a bha e air Baile na Craoibh Ghiubhais; agus chuir e h-uile solus dhaibh air an urram bha e sealltuinn ’san gràdh a bh’ aige dha cheud mhaighstearan, ged a thug iad breth chruaidh air fhein ’s air a nighinn air sàilibh cuisean iongantach a thachair; thug e moran do dhearbhaidhean taitneach dhaibh air a ghaol a bh’ aig Màiri air a h-athair, an curam dleasnach a bh’ aice dheth, cho cosanta ’s a bha i, cho beannaichte, cho saor bho gach smàl, cho malda, air chor ’s gu ’n robh na deoir a tuiteam bho shuilean na bha ’ga eisdeachd; agus cha b’ urrainn do mhathair Amelia gu ’n bhristeadh a mach a caoineadh. Direach ’s an àm thainig Amelia a stigh do ’n rùm, a bha soilleir le soluis, Màiri aic’ air laimh, agus ’san laimh eile bha ’bhascaid bheag fhlùrs. Dh’ eirich iad uile ’n an coinneamh, agus ghabh iad ri Màiri leis a h-uile failte bu tlaithe. Rug an t-Iarla gu caoimhneil air laimh oirre, agus thubhairt e: “Mo leanabh gràdhach thu! tha thu coimhead tana, glas! ’S e ’n t-amharus neo-ghlic a leig sinne ort a bhànaich do ghruaidh, agus a chuir, roimh ’n àm, beagan de shreamaidhean a churaim ad bhathais oig, bhoidhich. Thoir mathanas duinn! ni sinn na ’s urrainn duinn gus do choltas fhein fhaighinn air ais dhuit. Dh’ fhogair sinn air falbh bho thaigh d’ athair thu, ach ’s i d’ oighreachd-sa bhios ann fhathast. An taigh beag, laghach ’s an gàradh ’an Ichburg, a bha t-athair ’gabhail fheuma, bheir mise dhut-sa, agus air a cheart latha so sgriobhaidh mo run-chleireach a’ chòir, agus bheir Amelia ’g ad ionnsaidh i.” Phog bean an Iarla (mathair Amelia) i, chuir i ’da laimh mu ’n cuairt di agus thuirt i mo nighean rithe. Thug i far a meur am faine boillsgeach a choisinn na h-urad de thrioblaid do Mhàiri, agus a chuir a Bhan-Iarla air a meur beagan mhionaidean mu ’n d’ thainig Màiri a stigh do ’n rùm, agus thubhairt i: “Seall an so, mo chaileag ghradhach, ’s iad do neo-chiontas agus do mhathas dileab a’s fiachaile dhuit na a’ chlach mhor dhaoimein am meadhon an fhàine so. Gidheadh, ged tha thu beairteach an gnothuichean a’s fhearr, na cuir cul ris a chloich luachmhor so, mar dhiolaidh-fiach beag airson na h-eucoir mhoir a rinn sinn ort, agus mar dhearbhadh air a ghaol mhathaireil a th’ agam ort. Chionn nach freagair am faine so comhla ris an deise bhainnse agad, faodar a chuir gu feum ’s an tochradh. Thig an t-àm ’s an cuir thu feum air tochradh, agus ceannaicheadh mise am fàine bhuat an uair sin aig a lan fhiach!” agus leis na facail so chuir a’ Bhan-Iarla am fàine air meur Màiri. Shil Màiri a nise deoir a bha cho sòlasach ’sa bha iad roimhe so cho goirt; bha ’m fortan mor so tuilleadh ’sa choir airson a h-inntinn, agus ’s ann a bha i ’ga choltachadh ri bruadar. Cha b’ urrainn di guth a ghrathainn ach a bhi ’gal, agus a feuchainn ri cul a chuir ri gibht cho fiachail. Thubhairt fear de na tighearnan coigreach rithe: “Gabh gu toileach, mo leanabh gradhach, an ni sin tha ’n uaisle-mhor a cuir cho toileach ’n ad thairgse. Thug Ni Math do ’n Bhan-Iarla ard-inntinneach moran beairteas; thug E dhi, cuideachd, ni a’s fhearr—cridhe mor gus am beairteas sin a chosg ’s na h-uile doigh a’s fhearr.” “O, cha ’n ’eil a chuis mar sin fhathast,” ars’ a Bhan-Iarla. “Tha thu fanaid orm, a’ ridire, cha ’n e gniomh fialachd a th’ ann idir. Thug sinne seachad do ’n t-saoghall sampull air mi-cheartas ro-mhor, air am bi mi cuimhneachadh fad mo bheatha le aithreachas ’s le tamailt; tha e tur riatanach air son sith a bhi aig ar n-inntinn, gu ’n cuireadhmaid ceart air cionta cho math ’s a’s urrainn duinn. Cha ’n ’eil coir sam bith againn air a bhi grathainn gu ’r fialachd a th’ ann; cha ’n ’eil mi ach gu gann a deanamh na tha ’n ceartas ag agairt.” Bha Màiri air a nàrachadh, gun chomas guth a grathainn, am faine ’na laimh chritheanach; thionndaidh i a suilean deurach an taobh a bha ’n sagart còir, mar gu ’m biodh i feorach gu de b’ fhearr dhi a dheanamh. Thuirt an sagart fiachail rithe, “Feumaidh tu ’Mhàiri am fàine ’ghabhail. Tha ’n t-Iarla ’s a’ Bhan-Iarla ro uasal gus a ghabhail air ais. Tha ’n gnothuch so na shampull ro laidir air mar a dh’ fhaodas amharus reusanta mealladh oirnn; bitheadh e cuideachd, mar dhearbhadh dhutsa, mo nighean ghradhach, air cho ealamh ’s a ni daoine matha, uasal, dioladh-fiach airson an cabhaige. Seall, mo chaileag ghradhach, tha Dia a paigheadh dhut an gràdh dleasnach a thug thu dha t-athair, chionn, air reir a ghealltanais, is beannaicht’ iadsan a bheir onair dha ’m pàrantan. Tha Dia a’ faicinn iomchuidh feum a dheanamh de laimh fhiughantaich an Iarla ’s na Ban-Iarla gus d’ fhulangas-sa ’dheanamh suas. “Gabh an tabhartas so le taingealachd, agus mar a dhearbh thu ’s gach cruaidh-chas d’ earbs’ ann an Dia, do chiuineachd agus t’ fhoighidin, mar sin ann an soirbheachadh seall taingealachd do Dhia agus caoimhneas ’s maldachd ri daoine.” Chuir Màiri, le deoir thaingealachd, am fàine air a meur; cha b’ urrainn di bruidhinn riutha. Bha Amelia na seasamh lamh ri Màiri, a’ bhascaid fhlùrs ’na laimh, agus i ro-thoilichte as an fhialachd a rinn a pàrantan rithe. Bha ’n gràdh beothail a bh’ aice de Mhàiri a dealradh gu soilleir ’na gnuis. Bha ’n sagart ro-thoilichte á mathas Amelia; oir bha fein-fhiosrachadh aige air cho tric ’sa bhios clann farmadach, ma chi iad am pàrantan a’ deanamh moran ri feadhainn eile. “Paighidh Dia,” ars’ esan, “an t-Iarla ’s a’ Bhan-Iarla airson am fiughantachd; agus paighidh E air ais ceud fillte dhaibhsan ’s da ’n nighinn ionmhuinn, a tha cho uasal ’na h-inntinn riutha fhein, na rinn iad as leth an dilleachdain bhochd so. “Mar so tha E daonnan a paigheadh a’ mhath a ni sinn ri ’r co-chreutairean le gnothuichean aimsireil na beatha so. Agus cha ’n ann ’san t-saoghal so a mhain a gheibh sinn ar duais; is earras e ’tha air a storadh suas airson saoghal a’s fhearr, far nach bi curam call gu brath oirnn. Ann an so tionndaidhidh E moran reidh a stigh dhuinn.” (Ri leantuinn.) LITIR A MOOSOMIN. Cha ’n ’eil mi faicinn a bheag de litrichean anns a MHAC-TALLA ’s an àm so, ach tha dòchas agam gu ’n duisg na sgriobhadairean uile ’n ùine ghearr air gach taobh dheth ’n chuan, ’s gu ’m bi iad cho beò ’s “cho frogadach ’sa bha iad riamh.” Bho na tha cuid mhor dhiu cho fada nan tosd bi dòchas againn gun nochd iad torradh math an uair a bheir iad lamh air am pinn ’s na h-oidhcheannan fada geamhraidh ’tha nis a tarruinn dluth. Cha ’n ’eil sinn an taobh so cho fior shunndach ’sa b’ abhaist dhuinn. Bha tiormachd mhor againn fad an t-samhraidh, ’s dh’ fhag sin am barr aotrom; ach on a thainig am foghar, ’sa chaidh a bhuainn, cha ’n ’eil sùil na h-iarmailt a tiormachadh idir ach uair ainneamh. Tha mar sin a cheud chuid a chaidh a bhuainn a fas anns an adaig, ’s chaidh moran feoir a mhilleadh mar an ceudna. Coma co dhiu, cha ’n ’eil àite fodh ’n ghréin anns nach tig droch bhliadhna uair ’us uair, ’s feumar cur suas leotha, ’s theid againn ’sa chearna so air cur suas le te cho math ’s na ’s fhearr na ’n iomadh àite, agus tha mi smaointean gu ’m bi ’n soirbheachadh moran na ’s misle ’n uair a thilleas e, car ionnan ris an t-slainte an deigh tinneas, bidh daoine na ’s taingeile. Cha ’n ’eil stoirmean buailteach ’san dùthaich so; ach o chionn da sheachdain air ais thug stoirmeanan beithir droch thruiseadh air cuid. Gu fortanach cha tug i leatha ach strioch chaol, ach rinn i milleadh mor air cuid nan daoine bochda air na ruith i, ’n cuid thaighean (far an robh i na neart) ’us shaibhlean a leagail ’s cuid [TD 98] [Vol. 9. No. 13. p. 2] dhiu sguabadh air feadh an t-saoghail. Ach ’se chuir mulad oirnn a chluinntinn gun do chaill Gaidheal òg, laidir, agus paisde nighinn leis am beatha leis an tigh a chur seachad car ma char ’s iad ann. B’ ainm dha Aonghas Domhnullach (Aonghas Mac Iain ’Ic Raonull) a dh’ fhalbh á Beinn-a-Bhaoghla, Uidhist. Bha e na mhaighstir air pios de ’n rathad-iaruinn, ’s meas aig gach aon air. Tha dochas gu ’m bi ’bhean beò, ’s cha do rinneadh, gu miorbhuillach, gortachadh sam bith air aois choig bliadhna de ghille leotha. Tha na Gaidheil a deanamh adhartas mor an so, a fàs lionmhor ’s a steidheachadh gu laidir. Taighean grinn, sgiobalta aig a chuid a’s motha, ’s treudan lionmhor air na raontean mu ’n cuairt. Gàilig gu leor ri chluinntinn, ach cluinnear aig cuid moran Beurla air a feadh; ach cha ’n e na sgoilearan a’s fhearr idir. Tha cleachdadh cothlainadh gun tlachd mar so. A measg àireamh do chairdean an taobh so chunnaic mi ainm Phadruig ’Ic-an-t-Saoir, air neo Padru’ beag, ’se ’s trice theirear ris. Tha Padruig na dhuine cho eibhinn ’s cho geur ’sa chruthaicheadh; ’s gann nach leanadh a chlann bheag e a mach air a mhuir, mar a lean iad am piobaire o shean. An turus ma dheireadh a chunnaic mi Padruig, ’s e bruidhinn air cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, dh’ iarr e orm innse dhuibh gu’n robh ’m fradharc aige fas dona, agus mar sin gu ’m bu toigh leis sibh printadh mor a chur air a phaipear aigesan airson a thoileachadh. Faodaidh sibh sin a dheanamh, gun dad ach ainm a phaipear a chur air aon taobh ’s ainm Phadruig fhin air an taobh eile. Tha e na chleachdadh aig gach nàisean dhaoine, ’n àm a bhi ’g aithris euchdan nan suinn a dh’ fhalbh, an treubh àraidh da ’m buin iad fhein a chur os cionn gach aon, agus co thug barr air na Gàidheil ’s an doigh so, mar a dhearbhas na leanas:— Thachair dhomh bhi uair an comhlan anns an robh Goill ’us Sasunnaich ’us Eirionnaich agus beagan Ghaidheil. ’S ann a bruidhinn air sgil dhotairean a bhatar ’s an àm, ’s bha h-uile fear a feuchainn ri barr urram a thoirt air an fhear eile ann an innse ma thapachd is sgil us leigheasan iongantach a rinn dotairean a chuala no chunnaic iad fhein an uair a bha na h-eilthirich reidh. Thug leth sheana Ghaidheal togail air a ghuaillean. “Tut,” ars’ esan, “dheanadh na seana mhnathan a bh’ againne ’sa Ghaidhealtachd na gnothaichean faoin sin; ach innsidh mise dhuibh leigheas a chunnaic mi dotair Gaidhealach a deanamh. Bha gille òg ann,” ars’ esan, “a bha air thuar am bàs fhaighinn le cnap a bha fàs shios anns a sgornan aige. Chaidh e far an robh ’n dotair feuch an sabhaladh e ’bheatha, ach cha ruigeadh e air a chnap a ghearradh, ’s mar sin smaointich e air doigh eile. Chuir e na shuidh’ air cathair e ’s dh’ eibh e steach air gille-frithealaidh. Ann an tiotadh thug e ’n ceann far an duine thinn, ’s thug e air a ghille a lamh a chumail air beul an tuill ma ’n tigeadh an t-anam a mach, fhad ’sa bhiodh e fhein a cur air doigh a ghnothaich. Cha robh e fada ris a sin; sparr e ’n ceann air, ’s bha e cho math ’s moran na b’ fhearr na bha e riamh roimhe!” Nach neonach nach eil na Gaidheil a deanamh dichill a thaobh ionnsachadh an cànain? Nach iomadh aite ’bheil iad lionmhor anns a faodadh iad a teagasg agus a h-ionnsachadh ’s na sgoiltean, no co dhiu, sgoiltean oidhche chur air chois? Cha ’n fhoghainn a bhi seinn, “Cha fhaigh a Ghàilig bàs!” agus aig a cheart àm a cumail bhuaithe na leigh a chumadh slainte rithe. Cha ghabh e bhith gu ’m bi meas mor aig daoine air a Ghàilig fhad ’sa bhios iadsan dha ’n cainnt-mhatharal a i deanamh dimeas oirre. Anns a chuid mhor de na leabhraichean òran agus sgriobhaidhean eile, chi sinn a roimh-radh ’s gach mineachadh eile mar as trice ann am Beurla. Bheil a Ghàilig math gu leor idir, air neo an ann tuilleadh ’s math a tha i air a shon. Mar a bha am fear dha na dh’ fhoighneachdadh, an robh ac’ ach Gàilig an taobh a robh e, ag radh gu ’n robh beagan Beurla aca cuideachd, ach nach biodh iad ga bhruidhinn ach ris na coin, ’S docha gur h-ann air son a cumhnadh tha iad a lionadh nan toll ’s nan oiseinean ud leis a Bheurla. Their cuid nach ’eil moran litreachais aig na Gaidheil. Tha mi smaointean gu bheil roinn mhath a thaobh an àireamh, ach gu ’m biodh moran a bharrachd ann nam biodh a Ghàilig air a teagasg ’sa h-uile paraisde Gàidhealach. Na ’m biodh sin mar sin cha bhiodh dith air MAC-TALLA, ’s cha b’e na aonar a bhiodh a tagradh na taobh. Tha inntinn nan Gaidheil cho beartach ’s cho math gu deilbh ri seors’ air thalamh, ach iad roinn de mhaighstearachd fhaighinn thairis air an cànain, agus meadhainean a bhi aca mar a tha paipearan naigheachd airson torradh an inntinnean a nochd d’ an t-saoghal. Nach iomadh sgeul thaitneach ’us sgriobhaidhean eile ’thug MAC-TALLA seachad o’n a thòisich e, a bhiodh, mar a biodh e ann, gun chruthachadh riamh. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Sept. 12, 1900. ’Nuair a cheannaicheas tu Union Blend Tea, gheibh thu ti ghlan a tha as na gàraidhean a’s ainmeile tha ’sna h-Innsean ’s an Ceylon, air a phris a’s lugha air an gabh ti cheart creic. Bidh $400 air a roinn air luchd-ceannach na ti so an Desember. SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. V. An deigh do bhanrigh Gulnara gabhail riutha le mor-urram, thug i orra suidhe air langsaid. Labhair a mathair rithe mar so: “A nighean, tha aoibhneas mor orm d’ fhaicinn aon uair eile an deigh dhomh a bhith uine cho fada gun d’ fhaicinn; agus tha mi lan-chinnteach gu ’m bheil do bhrathair agus do luchd-daimh a cheart cho toilichte d’ fhaicinn ’s a tha mi fhin. An uair a dh’ fhalbh thu gun fhios gun fhaireachadh dhuinn, bha sinn ann an iminidh air nach urrainn domhsa cainnt a chur. Agus cha ghabh e innseadh na rinn sinn de bhron ’s de thuireadh air do shon. Cha b’ fhiosrach sinn gu ’n robh aobhar sam bith agad air son teicheadh air falbh ach na briathran a dh’ innis do bhrathair dhuinn a bha eadraibh mu ’n d’ fhalbh thu. A reir a bharail-san bha a’ comhairle ’thug e ort gle fhreagarrach air son do chur ann an suidheachadh a fhreagadh ort anns an t-saoghal a thaobh mar a thachair dhuinn anns an am. Mur do chord a chomhairle-san riut, cha bu choir dhut a ghabhail cho olc. Agus ceadaich dhomhsa innseadh dhut gu ’n do ghabh thu beachd a bha tur cearr air a’ chomhairle a thug do bhrathair ort. Ach cha ’n abair mi ’n corr mu ’n chuis; cha dean e ach aobhar ar broin agus aobhar ar diumbaidh ortsa urachadh. Agus is e ar dleasdanas na nithean so a leigeadh gu buileach air di-chuimhne. Innis dhuinn mu dheidhinn gach ni a thachair dhut o ’n a chunnaic sinn mu dheireadh thu, agus mu dheidhinn do shuidheachaidh an so; ach gu h-araidh innis dhuinn am bheil gnothaichean a’ cordadh riut.” Anns a’ mhionaid thilg banrigh Gulnara i fhein air an urlar aig casan a mathar; agus an uair a dh’ eirich i agus a thug i pog dh’a laimh, thuirt i, “A bhaintighearna, tha mi ’g aideachadh gu ’n robh mi ciontach de choire gle mhor, agus tha coir agam air a bhith ro thaingeil dhuibhse air son sibh a bhith cho toileach mathanas a thoirt dhomh. Bheir na bheil agam ri radh, ann an umhlachd do bhur n-aithne-sa, lan-dhearbhadh dhuibh gu ’m bheil e gu tric ’na amaideas dhuinn a bhith ’cur an aghaidh nithean a chi daoine a’s glice na sinn fhein freagarrach air ar son. O ’m’ fhein fhiosrachadh faodaidh mi a radh, gur e a’ cheart shuidheachadh air an robh grain gu leor agam an suidheachadh a bha air ordachadh dhomh.” An sin dh’ innis i a h-uile dad a thachair dhi o ’n a dh’ fhalbh i ann an corruich as a’ chuan. An uair a chur i crioch air a naigheachd, agus a dh’ innis i gu ’n do cheannaich righ Phersia i, agus gur ann ’na luchairt a bha i, thuirt a brathair rithe, “A phiuthar, tha mi ’tuigsinn gu ’n d’ fhuiling thu moran taire agus eas-urraim, ach is ann agad fhein a bha ’choire gu h-iomlan. Faodaidh tu nis do shaorsa fhaotainn ma thogras tu fhein. Cha ’n urrainn domh gun do mholadh air son cho foighidneach ’s a bha thu anns an daorsa. Eirich agus till comhladh ruinne do mo rioghachd-sa. Bhuidhinn mise air ais mo rioghachd o ’n duine a ghabh coir oirre gu mi-laghail.” Ged nach robh righ Phersia aig an am anns an t-seomar, bha e far an robh e ’cluinntinn a h-uile facal a bha iad ag radh, agus ghabh e eagal mor an uair a chual’ e an comhradh a bha eatorra. Ars’ esan ris fhein, “Ah! tha ’mhi-shealbh a’ dol a dh’ eirigh dhomh! Agus ma bheir mo bhanrigh, mo Ghulnara, cluas do ’n chomhairle ud, agus gu ’m falbh i uam, gheibh mi an grad bhas cinnteach gu leor; oir tha e neo-chomasach dhomhsa a bhith beo as a h-aonais; agus tha toil aca a’ toirt air falbh uam.” Chuir banrigh Gulnara fois air an inntinn aig an righ ann an tiotadh. “A brathair,” ars ise, agus fiamh gaire air a gnuis, “thug na chuala mi thu ’g radh an drasta dearbhadh dhomh na bu mho na bh’ agam riamh gu ’n robh suim agus curam mor agad dhiom. Cha ’n fhuilinginn dhut iarraidh orm aon de phrionnsachan na talmhainn a phosadh. A nis is gann a theid agam air mi fhin a chumail o bhith ann an corruich riut an uair a tha thu ’comhairleachadh dhomh dealachadh ris an righ cho cumhachdach agus cho ainmeil ’s a th’ air an t-saoghal gu leir. Cha ’n ’eil mi ’labhairt mu ’n chordadh a tha eadar searbhanta agus a maighstir. Bhiodh e furasda gu leor na deich mile bonn oir a phaigh e air mo shon a thoirt dha air ais. Ach tha mi nis a’ labhairt mu ’n chumhnant a tha eadar bean agus a fear-posda—eadhoin eadar bean aig nach ’eil an t-aobhar a’s lugha air a bhith ’gearain air a suidheachadh. Is righ e a tha diadhaidh, glic, agus measarra, agus a thug dhomhsa iomadh dearbhadh soilleir gu ’m bheil gradh aige dhomh. Ciod an dearbhadh bu mho a b’ urrainn e a thoirt air meud a ghraidh dhomh na an aireamh mhor mhnathan a bh’ aige a chur air falbh cho luath ’s a thainig mise, agus e fhein a thoirt gu buileach suas dhomhsa? Tha mi nis ’nam mhnaoi aige, agus ghairmeadh gu follaiseach mi ’nam bhanrigh air Persia, a chum gu ’m biodh facal agam anns gach gnothach a bhuineas do riaghladh na rioghachd. A bharrachd air so, tha mi leith-tromach; agus ma ’s e toil a’ Chruithfhir gur e mac a bhios agam, bheir sin orm gu ’m bi am barrachd meas agam air an righ. Uime sin, a bhrathair, an aite do chomhairle-sa ’ghabhail, tha thu ’faic [TD 99] [Vol. 9. No. 13. p. 3] inn gu ’m bheil a h-uile aobhar agam air righ Phersia a ghradhachadh cho mor ’s a ghradhaich e fhein mise, agus a bhith comhladh ris gu latha mo bhais, araon a chionn gur e so mo dhleasdanas, agus, mar an ceudna, mar chomarradh air mo thaingealachd dha. Tha mi ’n dochas, ma ta, nach bi mo mhathair no thu fhein, no mo bhana-chairdean an aghaidh dhomh cumail ris a’ chumhnant so a tha eadar mi fhin ’s an righ, a bhios ’na urram araon do righrean a’ chuain agus na talmhainn. Feumaidh sibh mo leithsgeul a ghabhail air son de dhragh a chur oirbh tighinn an so a grunnd a’ chuain gus so innseadh dhuibh, agus gus de thoileachadh fhaighinn bhur faicinn aon uair eile an deigh dhuinn a bhith cho fada dealaichte.” “A phiuthar,” arsa righ Saleh, “ged a bha mise ag iarraidh ort a dhol air ais maille rium do mo rioghachd fhein an uair a chuala mi a liuthad trioblaid a thainig ’na do rathad, cha robh mi ach a’ leigeadh ris dhut gu ’m bheil gradh mor againn uile dhut, agus gu ’m bheil meas sonraichte agamsa ort, agus nach ’eil rud sam bith bu mho a bheireadh de thoileachadh dhomh na d’ fhaicinn sona. Ach air mo shon fhin dheth, cha ’n ’eil dad agam an aghaidh dhut deanamh mar a tha thu ’g radh, an deigh na dh’ innis thu dhuinn mu righ Phersia, a tha nis posda riut, agus mu na comainnean mora fo ’m bheil thu dha. Agus tha mi cinnteach gu ’m bheil ar mathair dhe ’n aon bharail rium.” Chuir a’ bhanrigh a h-aonta ris na thuirt a mac, agus labhair i mar a leanas ri Gulnara: “Tha mi anabarrach toilichte a chluinntinn gu’m bheil thu cho riaraichte le do staid; agus cha ’n ’eil dad agam ri chur ris na thuirt do bhrathair riut. Bhithinn air a’ cheud aon a chronaicheadh thu mur aidicheadh tu gu ’n robh thu gle thaingeil do ’n righ aig am bheil gradh cho mor dhut, agus a rinn a leithid de nithean mora air do shon.” Ged a bha righ Phersia an toisich fo mhor eagal gu ’n cailleadh e a’ bhanrigh do ’n robh gradh cho mor aige, bha e nis ro aoibhneach a chionn i bhith suidichte nach dealaicheadh i ris; agus o’n a bha e soilleir dha gu’n robh gradh mor aice dha, dhuisg am barrachd graidh ’na chridhe dhi na bha ann riamh roimhe; agus chuir e roimhe gu ’n nochdadh e a thaingealachd dhi anns gach doigh ’na chomas. An uair a bha ’n righ mar so ri gairdeachas ’na inntinn fhein, agus e anns a’ chlosaid far am faiceadh ’s an cluinneadh e gach ni a bha ’dol air aghart, bhuail Gulnara a basan ri cheile, agus thainig cuid dhe na searbhantan a steach, agus thug i ordugh dhaibh biadh fhaighinn deiseil gun dail. Cho luath ’s a chuireadh am biadh air a’ bhord dh’ iarr i air a mathar ’s air a brathair, agus air a bana-chairdean suidhe aig a’ bhord comhladh rithe. Thoisich iad ri smaoineachadh gu ’n d’ thainig iad gun chead do luchairt righ a bha mor, cumhachdach, nach fhaca ’s nach cuala riamh dad mu ’n deidhinn, agus gu ’m biodh e ’na ghnothach gle mhi-iomchuidh dhaibh biadh itheadh aig a bhord gun e fhein a bhith comhladh riutha. Thug so orra gu ’n d’ fhas an aghaidhean dearg leis an naire, ’s bha an aignidhean air an gluasad cho mor ’s gu ’n robh na suilean aca mar gu ’m biodh iad ’nan teine, agus bha lasraichean teine a’ tighinn am mach air am beoil ’s air an cuinneanan. An uair a mhothaich righ Phersia dha so, agus gun fhios sam bith aige ciod a b’ aobhar dha, bha e ann an staid inntinn a bha eagalach. Ghabh banrigh Gulnara amhrus gu ’n robh e anns an t-suidheachadh so, agus o ’n a bha i tuigsinn ciod a ghluais inntinnean a cairdean, dh’ eirich i as an aite ’s an robh i ’na suidhe, agus thuirt i riutha gu ’m biodh i air ais an uine ghoirid. Chaidh i direach do ’n chlosaid, agus an uair a chunnaic an righ i ghabh e misneach. “Mo thighearna,” ars’ ise, “cha’n ’eil teagamh agam nach ’eil bhur morachd gle thoilichte leis an doigh anns an’ d’ aidich mi an lathair mo chairdean gu ’m bheil mi fo chomain mhoir dhuibh air son a liuthad fabhar a nochd sibh dhomh. Dh’ fhaodainn comhairle mo luchd-daimh a ghabhail agus a dhol air ais maille riutha do ’n rioghachd do’m buin iad; ach cha ’n ’eil mi cho neo-thaingeil ’s gu ’n deanainn a leithid. Na ’n deanadh, bhithinn ’g am dhiteadh fhin ri mo bheo.” “Ah! mo bhanrigh,” arsa righ Phersia, “na bi ’g radh gu ’m bheil thu fo chomain sam bith dhomhsa: is tu nach ’eil. Is ann a tha mise fo chomain cho mor dhutsa ’s nach paigh mi thu gu brath. Cha do smaoinich mi riamh gu ’m biodh e comasach gu ’m biodh gradh co mor agad dhomh.” “Ah! mo thighearna,” arsa Gulnara, “am b’ urrainn domhsa na bu lugha dheanamh na rinn mi? Agus tha eagal orm nach d’ rinn mi na bu choir dhomh, an uair a bheir mi fa near a liuthad doigh anns an do nochd sibh caoimhneas agus urram dhomh; agus cha ’n ’eil e comasach dhomh na dearbhaidhean lionar a fhuair mi air bhur gradh agus air bhur caoimhneas a leigeadh air dichuimhn a chaoidh. “Ach cha ’n abair mi an corr mu dheidhinn an drasta. Ceadaichibh dhomh innseadh dhuibh gu’m bheil meas anabarrach mor aig mo mhathair ’s aig mo brathair oirbh. Tha fior thoil aca sibh a dhol far am bheil iad a chum gu ’n innseadh iad so dhuibh iad fhein. Bha duil agam biadh a thoirt dhaibh agus greis mhath chomhraidh a dheanamh riutha mu’n tugainn ’n ’ur lathair-sa iad; ach tha iad a’ gabhail fadachd gus am faigh iad cothrom air a leigeadh ris dhuibh gu ’m bheil meas mor aca oirbh. Air an aobhar sin tha mi ’n dochas gu ’m bi sibh cho math ’s gu ’n teid sibh a steach far am bheil iad.” “Mo bhaintighearna,” arsa righ Phersia, “bu ghle thoigh leam failte a chur air sluagh aig am bheil a dh’ urram a bhith ’nan luchd-daimh dhutsa; ach tha eagal orm roimh na lasraichean a tha tighinn as am beoil ’s as an cuinneanan.” Rinn a’ bhanrigh gaire, agus thuirt i, “Mo thighearna, cha ruig sibh a leas eagal sam bith a bhith oirbh roimh na lasraichean sin. Cha ’n ’eil annta ach comharraidhean nach ’eil iad deonach biadh itheadh anns an luchairt agaibh na ’s lugha na bheir sibh fein a dh’ urram dhaibh gu ’n suidh sibh aig a’ bhord comhladh riutha.” (Ri leantuinn.) AN T-EILEAN SGIATHANACH. (Highland News.) Tha mi duilich gu bheil a chuid mhor de na coigrich a tha teachd do ’n Eilein Sgiathanach anns an t-samhradh, agus anns an fhoghar, a’ cumail gu tric an taobh an ear de ’n eilein. Cha ’n ’eil teagamh nach faic iad an sin creagan biorach agus àrda, mar a ta Cuiraing, agus Bodach an Stòir. Chi iad mar an ceudna gleann bòidheach agus fasgach Uig—àite cho boidheach anns an t-samhradh agus anns an fhoghar air an tabhair neach sealladh le ’shuil. Ach ’s e mo bheachdsa gu bheil àitean air an taobh an iar de ’n eilein a ta airidh air a bhi r’am faicinn, sealladh a ghabhail dhiubh, agus fiosrachadh mu ’n timchioll. Tha iomadh aite ann an sgir Bhracadail, agus an sgir Dhùirinish, aig am bheil an eachdraidh am folach, ach a dh’ fhaodadh a bhi air a’ deanamh soilleir. I. DUIN. Tha e gle dhoilich a’ dheanamh a mach le cinnt co a thog na duin, no na daingnichean a ta ri ’m faicinn fathast air feadh na Gaeltachd agus nan eilean. Tha moran dhiubh so r’ am faicinn fathast air feadh an eilein, ged tha cuid dhiubh air a dhol as an t-sealladh. Cha ’n eil fios an iad na Lochlinnich, no ’n sean luchd-àitich a thog iad. Bha na dùin so air an togail air cnocaibh cruinne agus àrda. Bha iad air an togail air chor ’s gu ’m faicte gach aon ac’ o aon a cheile. Bha so feumail an uair a bheireadh an namhaid ionnsuidh air an dùthaich. Chuireadh iad comharra teine suas air an dùn do ’m bu dlùthe an nàmhuid; chitheadh an luchd-faire air na dùin eile sin, agus chruinnicheadh na gaisgich, air son na naimhdean a philleadh air an ais. Cha ’n ’eil teagamh nach gabhadh na mnathan, a’ chlann agus na sean daoine tearman anns na dùin ud. Is e ’n comharra teine so air àirde nan cnoc ni cho aithghearr ’s a bheireadh beachd do ’n t-sluagh gu ’n robh an nàmhaid air ionnsuidh a thoirt air an tir. Tha sinn a leughadh gu’n robh an comharra teine so ann ri linn an fhàidh Ieremiah, san t-sean aimsir. Bu chomharraichte a chlachaireachd a bha air na duin ud, air an togail le claich gun aol. Tha e coltach gu’n robh aon de na dùin so suidhichte an toiseach ’san ionad air am bheil Caisteal Dhunbheagain air a thogail a nis. Is e Caisteal Dhunbheagan tigh cho sean ’sa ta ’n Albainn anns am bheil daoin’ a’ comhnuidh. Bha dùn beag an sin, agus tha dùn an Uillinish an sgir Bhracadail ris an abair iad an “dùn mor.” Tha dùn Hàlin ann an Uaternish, agus dùn a Bharp dluth do Hàrlaish. Air taobh an iar loch Dhunbheagain tha dùn Osdail, dun Cholbaist, agus dun Bhoneraig. Rinn bantighearna Mhic Leoid o cheann beagan de bliadhnaibh, cladhach agus cnuasach mor anns na dùin sin feuch am faigheadh i sean nithean agus sean innealan, agus sean bhuill airm a dh’ fhàg na laoich o chian. II. NADUR NA DUTHCHA. An uair a tà coigrich a’ cuartachadh sgire Dhùirinish, agus Bhracadail, tha iomadh sealladh bòidheach aca ri’ fhaicinn. Chi iad an sin na beannta gorm gus na mullaich aca, ’s e sin, ma leigeas an ceo agus na frasan dhaibh am faicinn. Tha e coltach gu robh gach creag ’s gach beinn ri bhi air an ainmeachadh air Mac Leoid, an Tighearna mor aig an robh beatha agus bàs a chuid daoine ’na laimh. Nuair a tà daoine a’ seoladh air a mhuir an sin, chi iad maighdeanan Mhic Leoid. Tha iad an sud ’nan seasamh ’s an aon ionad ri aghaidh gach tuinn agus doinionn. Bha ceithir ann dhiubh an toiseach, ach thuit té dhiubh. Rinn neart na fairge agus na gaoithe an gnothach oirre. Tha aon de ’n triuir a ta ’nan seasamh a nis, gu maith mor seach an dithis eile. Cha ’n ’eil ach astar beag a nis gus an tig sinn a chum na Dubh-sgeir. ’N am biodh cainnt aig an Dubh-sgeir is iomadh sgeul dorch a dh’ fhaodadh i innse. Is i so an sgeir air an do chàraich Caimbeulach Eusaidh an lòchran soluis an uair a bha’n long-chogaidh as a dhéigh an tòir air. Bha fear Eusaidh na fhearr cis-sheachnach (smuggler) cho mòr sa bha air taobh an iar na Gaeltachd r’ a linn féin. Bhiodh e iomchuidh tigh soluis a thogail air an sgeir so, oir tha i astar a mach ’sa mhuir, agus tha ’mhuir eu-domhain an taobh a stigh dhith. Tha na creagan a ta ’n iar-thuath air an sgeir so, neo-chumant ard. Tha ’m Bioda mor, aon dhiubh so, ag eirigh corr is mile troidh air airde, as ceann na mara, gu direach réidh. Tha ’m Bioda mor airidh air sealladh a ghabhail dheth, thar muir is tir. Chì thu an Theist agus (Air a leantuinn o thaobh 99.) [TD 100] [Vol. 9. No. 13. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am. litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, SEPTEMBER 28, 1900. CRIOMAG DE SHEAN EACHDRAIDH. Phòs Lachainn Catanach Mac-Gilleain, Triath Dhubhairt, ’an toiseach, Mor, nighean Fear Threisnis, agus bha da mhac aige rithe, Eachann Mor agus Ailein nan Sop. Phos e a rithisd, anns a bhliadhna 1517, Ealasaid, nighean Iarla Earraghaidheal. Tha cuid ag radh gu robh Lachainn gun oighre nuair a phòs e Ealasaid Chaimbal, gun robh e mi-thoilichte le Ealasaid bho nach robh mac aice dha, agus gu ’n do chuir e air Sgeir na Baintighearna i a chum ’s gu’m biodh i air a bàthadh. Cha ’n fheil an sin ach sgialachd gun bhonn; tha e lan chinnteach gu ’n do rugadh Eachann Mor agus Ailein nan Sop roimh ’n bhliadhna 1500. Cha robh, mar sin, aobhar aig Lachainn Catanach air an darna bean aige a bhàthadh, agus cha mho na sin a dh’ fheuch e ri a dheanamh. Bha Eachann Mor na thriath air Dubhairt bho ’n bhliadhna 1523 gu 1568. Bha e na dhuine aig an robh ceann math agus aig an robh moran cumhachd ri ’latha fhein. Phos e Mairi, nighean Alasdair Mhic-Dhomhnaill, Alasdair Mac Iain Chatanaich, triath Ile agus Glinn Anntruim. Bha naoidhnear chloinne aige r’a mhnaoi, Eachann Og, Iain Dubh na Morairne, Mor, Mairi, Ceit, Sile, Seonaid, Una agus Ceit Og. Phos Eachann Og Seonaid, nighean Iarla Earraghaidheal, agus bha aon mhac aca, Lachainn Mor Dhubhairt. Bha te de nigheanan Eachainn Mhoir posda ri Macleoid Dhunbhcagain, te ri Mac-Dhomhnaill Shleite, te ri Iarla Earraghaidheal, te ri Domhnall Lochiall, te ri Aonghas Ghlinne-garadh, agus te ri Mac-Dhughaill Chreignis. Am measg oghachan Eachainn Mhoir bha Sir Lachuinn Mor Dhubhairt, Sir Ruairidh Mor Dhunbheagain, Domhnall Gorm Mor Shleite, Domhnall Mac Aonghuis Ghlinne-garadh, agus Sir Domhnall Mhuideirt. Phos Ailein Mac Iain Mhuideartaich, nighean do dh-Alasdair Crotach Mac-Leoid, triath Dhunbheagain, agus bha aon mhac aige leatha, Ailein Og. Chaidh e air chuairt do Mhuile is thug e a bhean maille ris. Gu tubaisteach thuit e an gaol air te de nigheanan Eachainn Mhoir agus sheol e air falbh leatha gu Muideart. Dh’ fhag e a bhean aige na h-aite ann an Dubhairt. Bha coig mic aige ri nighinn Eachainn Mhoir, Iain, Aonghus, Domhnall, Raonall, Iain, agus Iain Og. Chaochail e sa bhliadhna 1593. Chaidh Ailein Og, a mhac ri nighinn Mhic-Leoid, a mhort. Chaidh Iain, a cheud mhac ri nighinn Eachainn Mhoir, a mharbhadh le tuiteamas. B’e mar sin Aonghus a thainig gu bhi na chaiptin air Clann Raonaill. Thuit Aonghus ann am blar ri Clann Leoid aig abhainn Roaig, an Uidhist. B’e Domhnall, a bhrathair, an ath thriath a bha air Muideart. Rinneadh ridire de Dhomhnall ’sa bhliadhna 1617. Fhuair Raonall, a bhrathair,—Raonall Mac Ailein Mhic Iain Mhuideartaich—fearann am Beinn-a-Bhaoghla, agus fhuair Iain fearann ann an Ceannlochmuideart. Ann an leabhar oran Mhic-Gillios’ tha e air a radh gu ’m b’ i an Aigeannach nighean Dhomhnaill Ghuirm. Cho-dhùin cuid bhuaithe so gu ’m bu nighean i do Dhomhnall Gorm Shleite. Tha e lan chinnteach nach buineadh i do Shleite. Bha mac aig Iain Muideartach ris an abairteadh Domhnall Gorm; agus bha mac aig Aonghus mac Ailein mhic Iain do ’m b’ ainm Domhnall Gorm. Theireadh cuid Domhnall Gorm ri Sir Domhnall Mhuideirt, Domhnall mac Ailein mhic Iain. Tha e soilleir mar so nach h-fheil aobhar sam bith againn air a dhol do Shleite a dh’ iarraidh athar do ’n Aigeannaich. Ann an leabhar oran Mhic Mhaighstir Alasdair tha e air a radh gu ’m bu nighean an Aigeannach do dh-Iain Mac Iain. Tha e air innse dhuinn cuideachd gu ’n robh i a mach a teaghlach Mhuideirt, “culaidh rusgadh phiostal,” agus gu ’n robh i-fein agus Clann-Ghilleain gle mhor aig a cheile. Nach faod e a bhith gu ’m b’e Iain Dubh Mac Iain Mhic Ailein ogha Ailein Mhic Iain agus nighean Eachainn Mhoir Dhubhairt? Agus nach faod e a bhith, cuideachd, gu ’m b’ i an Aigeannach nighean Iain Duibh Mhic Iain Mhic Ailein? A. M. S. PEARSANTA. Bha D. M. Mac-an-Fhucadair, a Acarsaid Chloinn Fhionghain, anns a bhaile o chionn ghoirid air cheann gnothuich. Tha e ri ceannachd aig an acarsaid. Tha C. W. Kelly, an dealbhadair, air tilleadh a Boston, far an robh coinneamh mhor de dhealbhadairean air a cumail air an t-seachdain s’a chaidh. POSADH. —Ann an Sydney Mines, Di-ciaduin, September 26, leis an Urr. Domhull Mac Ille-mhaoil, Alasdair Domhnullach, Sidni, ri Mor Nic Gilleain, Sydney Mines. BAS. —Ann an Sidni, Di-luain, an ceathramh latha fichead, bantrach Dhomhuill Dhomhnullaich (muillear) ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’aois. —Aig Shunacadic, C. B., air an ochdamh latha deug de September, Micheil Mac Neill, 51 bliadhna dh’ aois. R. I. P. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 101] [Vol. 9. No. 13. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Latha Taingealachd ri bhi air a chumail am bliadhna air an ochdamh latha deug de October. Bidh siorrachd Inbhirnis an ùine ghoirid air a fosgladh gu math leis an rathad-iaruinn ùr a thatar a togail eadar Port Hastings us Broad Cove. Tha na carbaid a cheana ruith gu Port Hood, agus cha bhi ’n ùine fada gus an ruig iad Mabou. Tha ’n da chuideachd a bha cladhach mu Loch Ainslie air son olla air aonadh, agus tha ’n obair a nise ri tòiseachadh na ’s fhearr na bha i fhathast. Tha ceithir tobraichean domhain ri bhi air an cladhach gun dàil, agus mur faighear an olla ’s ann a chionn nach eil i ri faotainn. Rinn an stoirm a bh’ ann o chionn che’-la-deug call mor ann an Newfoundland, barrachd mor ’sa rinn i air an eilean so. Bha còrr us ceithir fichead soitheach air an cur dh’ an ghrunnd leatha, agus còrr us leth-cheud duine air am bàthadh. Tha tuilleadh shoithichean air nach d’ fhuaireadh sgeul fhathast, agus tha aobhar a bhi creidsinn gu ’n deachaidh cuid dhiubh a chall. Rinn na stoirmeannan a bh’ ann o chionn da sheachdain call mor anns na gàraidh mheas ann an Gleann Annapolis. Bha moran de na craobhan air am bristeadh ’s air an leagail, agus bha na measan air am froiseadh dhiubh. Cha bhi ach gann leth nam measan a dh’ fhàs air an cur gu margadh. Ni gainnead nam meas an daoradh, agus mar sin cha bhi an call cho trom orra-san aig am bheil iad ri ’n creic ’sa bhios e orra-san aig am bi ri ’n ceannach. Tha a chuid mhor dhiubhsan dh’ an àbhaist a bhi gabhail pairt anns na cathan briathrach a bhios a dol air adhart mu thaghadh luchd-pàrlamaid, dhe ’n bharail gu ’m bi an taghadh ann air an ath mhios, agus tha iad gu dian ag ullachadh air a son. Tha cuid eile dhe ’n bharail nach bi i ann gu toiseach no meadhon an earraich. ’S iad sin a’s docha bhi cearr. Cha bhuinigear ni sam bith le ’cur cho fada sin air falbh, agus cha b’e ’n gliocas do ’n riaghladh sin a dheanamh. Chaidh Eadailteach a ghlacadh air amharus mort anns a’ bhaile Di-satharna s’a chaidh. Fhuaireadh fios á Holyoke, Mass., mu fhear d’ am b’ ainm Petrell a chuir as d’a mhnaoi air a cheud latha dhe ’n mhios so, agus a fhuair teicheadh mu ’n d’ rinn na maoir greim air. Chaidh am fear so, a bha toirt caochladh ainmean air fhein ’sa bha gle choltach ris a mhortair, a ghlacadh le maoir a bhaile ’sa chur am priosan gus an tigeadh daoine á Holyoke a dh’ aithnicheadh an e ’n duine ceart a bh’ ann. Thainig dithis mhaor oidhche Di-màirt, ach cha b’ urrainn daibh a bhi cinnteach as, agus chuir iad fios air piuthar na mnatha chaidh a mhort, feuch an aithnich is’ e. Bidh i an so an ceann latha no dha. Ma ’s e an duine thatar ag iarraidh a th’ ann, gheibh na maoir a rinn a ghlacadh coig ceud dolair mar dhuais o bhaile Holyoke. Am bheil thu dol a dh’ fhaighinn fear-gabhail ùr no dha do ’n MHAC-TALLA air an fhoghar so? Ma tha bidh tu cuideachadh le cainnt do mhàthar a chumail suas. Tha taghadh gu bhi aca ann am Breatunn air an ath mhios, ged nach eil an latha fhathast air ainmeachadh. Tha a phàrlamaid ùr cheana air a gairm gu bhi cruinn air a cheud latha de Nobhember. Iarr air do nàbuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA a chum gu faigh e an sgeul ùr—“O Chionn Tri Fichead Bliadhna”—an sgeul ’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. ’S fhiach i a leughadh. Tha e air aithris gu bheil cuideachd a’ ghuail, air a bhliadhna s’a tighinn, a dol a chosg millean dolair a’ cur an cuid mhèinnean an uidheam air son barrachd guail a chur am mach. Tha toil aca bhi comasach air cur am-mach na bliadhna a dhùblachadh. Bha deich duine fichead a mhuinntir Eilean a Phrionnsa anns a cheud réiseimid a chuir Canada do ’n Transbhaal. Dh’ fhag iad an dachaidhean aig an aon àm, agus anns a cheud bhlàr a chunnaic an réiseimid, bha h-uile fear dhiubh na àite fhéin. Tha meinn ghuail Phort Hood air a deagh obrachadh on chaidh a fosgladh air an t-samhradh so. Tha mu cheud gu leth duine ’g obair innte, agus tharruinn iad air a mhios s’a chaidh thairis air ceithir mile dolair mar thuarasdail. Tha mèinn Bhroad Cove ri bhi air a h obrachadh le neart cho luath ’sa ruigeas an rathad-iaruinn i. Fhuaireadh duin’ òg d’ am b’ ainm Alasdair Mac Cormaic air a bhàthadh air a chladach aig Lloyd’s Cove, faisg air Sidni Mines, maduinn Di-luain. Bha a chorp anns an uisge ’s e gun chòta no peiteag. Tha bruach gle chas aig an àite ’n d’ fhuaireadh e, agus thatar a’ deanamh gur e tuiteam leis a bhruaich a rinn e oidhche Di-satharna air a thurus dhachaidh. Tha dithis de shaighdearan Chanada anns an Transbhaal an deigh a Chrois Victoria a chosnadh le ’n giùlan treun anns na blàir,—Artar Lindsay agus A. H. Richardson. B’e ’n gniomh a rinn gach fear dhiubh companaich leòinte a ghiùlan air falbh leotha ’s peilearan nam Boereach a’ frasadh timchioll orra. Tha gach fear dhiubh na sheairdsean ann an Eachraidh Strathchona. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Sgeul ur a tha gu tòiseachadh an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Tha i air a sgriobhadh le “Iain,” ughdar “Taigh na Coille,” “Bean a Mhisgeir,” “Domhull Dona Mac na Bantraich,” agus iomadh sgeul eile a thug mor-thoileachadh do leughadairean a phaipeir roimhe so. Tha daoine ’tha làn chothromach air breith a thoirt ag radh gur i so sgeul a’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. Tha i ’na sgeul a tha da-rireadh taitneach, agus cha bhi aithreachas sam bith orra-san a leughas i. Stor nan Sutharlanach an stor a’s fhearr an Sidni air son Caiseart agus Aodaich. Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7.20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7.20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein. DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw,” LEATHAR UILE, air $1.15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1.40. H. H. Sutherland & Co. An Stor Thormaid Dhomhnullaich. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. aM tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 102] [Vol. 9. No. 13. p. 6] (Air a leantuinn air taobh 102.) an Cipein dlùth do’n Bhioda mhor. Tha sròn an àigeich, aon de na creagaibh sin se ceud troidh os ceann na mara. Thig thu nis seachad air a’ “Cheannaiche” Mhic Leoid, creag chruinn àrd a ta dealaichte o na creagaibh eile a ta timchioll air coltach ri aon de mhaighdeannaibh Mhic Leoid, ach a ta moran na’s treise ’san t-suidheachadh; uime sin rinn an sluagh firionn e, an uair a dh’fhàg iad ’na maighdeanan boirionn. Tha loch Pholl-deil ’na luidhe a stigh o’n iar thuath gus an ear-dheas. Tha beul-aithris ag innse gu’n tàinig Diel mac righ Lochlinn air tir ’san loch so an deigh dha bhi air a bhàthadh. Tha sgeir ’s an loch ris an canar fathast, sgeir an Lochlinnich. Tha ’n sgeir sin a cumail air chuimhne a bheul-aithris sin. Theid sinn a nis seachad air an t-Snòd no air Ceann Mor Mhic-Leoid, mu’n téid sinn a stigh do loch Dhunbheagain. Rach air to an sin agus gabh sealladh air an dùthaich mu’n cuairt. Tha tighean boidheach air an togail ann an Dunbheagain. Tha tigh-osda goireasach ann. Tha iomadh ni iongantach ri ’m faicinn ann an Caisteal Dhùnbheagain, agus tha Ceann-cinnidh nan Leodach ’na fhior dhuine usal, agus tha e toileach agus deonach coigrich a sheoladh, air chor ’s gu faic iad gach seann ni, ’s gach sean ioghnadh a ta taobh a stigh na lùchairt. Tha ’Bhratach-shithe an sin—a bha dà uair mar mheadhon air buaidh a thoirt do na Leodaich air an naimhdibh. Ma ’s fier an sgeula, bidh i r ’a togail aon uair fathast, air son an treas buaidh a thoirt do na Leodaich, mu’n caill i a h-eufachd. Tha adharc Ruairidh Mhòir an sin; an cupan airgid a bha aig Nial nan naoi geail, righ Eirinn. Tha na brògan laga a bh’ aig Tipoo Tarib an sin, agus an litir a sgriobh an t-olla Mac Iain gu Mac Leoid an sin. Bha mor speis aig an Olla Mac Iain (Dr. Johnson) do Mhac Leoid. Tha eaglais suidhichte na sgire gun bhi fada o’n chaisteal, agus an uair a thig coigrich seachad air tigh-còmhnuidh a mhinisteir aig ceann an locha, bhuineadh dhaibh sealltuinn a mach air son uaigh an Albanaich (Scotsman’s grave). Is e ’n t-Albanach so paipeir naigheachd a bha ’n aghaidh cùis agus còir nan croitearan Gaelach an uair a bha iad ag iarruidh air ais an fhearainn. Leis an fhuath a bh’ aig an t-sluagh dha rinn iad uaigh dha, agus dh’ àmhlaic iad an sud e; ach tha e fathast cho beò ’sa bha e riamh, agus a’ ghuth cho làidir. Tha e cho righinn r’a mharbhadh ri cat. Tha an uaigh so fo’n rathad mu’n tig neach gu Tobar nam maor seach Dùn-Osdail. Is iomadh neach uasal a chòmhnaich an Osdal. Bu lionmhor dream sgith, airsneulach a leig greis de’n anail aig Tobar nam Maor, mu’n robh uigheaman giulan cho lionmhor, goireasach ’sa tha iad a nis. Tha clach aig an tobar so air am bheil gearradaireachd iongantach (high relief). Tha i air cumadh cloich’ uaighe. Faodaidh coigrich a nis direadh suas gu mullach a bhùird so, no na beinne so, air là soilleir samhraidh anabarrach agus glòrmhor. Chi neach le shùil cho fad as ri Uist a deas, agus a tuath. Barra, Rum, Eig, agus Cana, agus le glainamhairc làidhir, eadhon cho fad as ri Muile. Ged is e ’m Bòrd-beag a’s àirde is ann gu mullach a bhùird mhòir is tric a ta muinntir a’ dol. Tha ’n dà bheinn so tuille a’s coig ceud-deug troidh air àirde gach aon dhiubh os ceann na mara. Is e Halibhal mhor, agus Halibhal bheag a theirear gu coitcheant riu, ged tha iad air an ainmeachadh air MacLeoid. Tha ’m mullach aca còmhnard rèidh, mar bheinn Chàrmul, ged nach eil coille mu’n timchioll. Nuair a thig dream a nuas o’n bheinn sin, rathad Sgianaidean, faodaidh iad a dhol a dh’ fhaicinn làrach an tighe san d’ rugadh an saighdear curanta sin Coirneal McLeoid Cholbaist, no mar a theireadh iad “Coirneal ruadh Hiont.” (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XIV. TURAS NAN GAEL DO SHASUINN. Air an treas latha de mhìos dheireannach an Fhoghair, 1745, bha àrmailte Thearlaich bho 5000 gu 6000 fear-feachda le claidheannan agus gunnaidhean am pailteas, fùdair agus luaidhe do réir sin, agus beagan ghunnaidhean-mòra, maille ris gach treachlaich chath eile bhiodh feumail ri uchd còmhraig. A thuileadh air so, bha iomadaidh eile dheth na Gàeil air ’eiridh nach tàinig fathast air an aghaidh, b’ann diù so feachd Mhic-Shimidh na h-Airde. Aig a’ cheart àm bha anabarra sluaigh ag éiridh na aghaidh anns gach àite de Shasuinn, agus ann an Siorramachd Earra-Ghàel agus Chataobh. Bha Tearlach am beachd mar a b’ fhaisg’ a rachadh e air cathair Rìgh Deòrsa gur ann bu ro fhearr a’ chùis, agus bha e cuir roimhe gu ’n gabhadh e gach slighe bu réithe agus a b’ aithghearra gu Lunnainn a ruidhinn, air an aobhar sin leig e ris da luchd-comhairle gu ’n robh e air tì màrsail do’n Chaisteal-Nogha los cath a chuir ri Marasgal Bhade, a bha e cinnteach a theicheadh roi’ na Gàeil, “mar ghearr ro chonabh.” Thuirt a luchd-chomhairle ris, gum biodh sin na ghnothach ro mhi-choltach ’s an àm, gur mòr a b’fhearr dhaibh màrsail, gu mall thun na Crìche Sasunnaich a chum ùin’ a thoirt do’n mhuinntir nach robh ach air ur eiridh gu cleasan an airm fhòghlum. Chaidh a nise gairm a mach, an t-àrm Gaelach gu léir a chruinneachadh ri chéile; ás gach àite de’n dùthaich anns an robh iad air fòrlach, agus air dhaibh a thighinn gu léir air aon lòm ghabh am Prionnsa beachd air an Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 103] [Vol. 9. No. 13. p. 7] coltas, agus chunntadh an àireamh air an tràigh ghainmheich a tha eadar Lìbht’ agus Baile-nan-Fiasgan. Ma shia uairean air feasgar Dirdaoin an tri-amh latha diag thar fhichead do mhìos dheireannach an Fhoghair, dh’-fhàg Tearlach gu tur lùchairt rìoghail a shinnsir an Albainn, agus a fhreiceadan diona gu taigh-Phincie far an dh’ fhan e rè na h-òidhche sin; ma thra-nòine ’n ath latha, mharcaich e gu ruige Dailché, far an tug e òrdugh, màrsail do’n àrm. A chum ’s nach biodh fios cinnteach aig Marasgal Bhade ciod an t-slighe air an robh sùil aig na Gàeil triall a Shasuinn chuir am Prionnsa fios a dh’ fhios gach baile eadar Dunéideann as Ber-Uig cairtealan a bhi aca deis air chinn an airm, agus chuir e cuideachdan beaga dhe an armailt air caochladh ròidean eile, agus a chum Marasgal Bhade, agua an t-arm-dearg, (a bha sa ’n àm n-an laidhe sa Chaisteal-Nogha) a sheachnadh, ghabh mòr-fheachd an airm Ghàelich an rathad a tha treòrachadh air taobh siar na Crìche Sasunnaich gu ruige Lunnainn. Bha Tearlach an dòchas gun eireadh na h-urraid de ’n na Gall-Albanaich, agus de’n na Sasunnaich fein leis, anns gach àite, mar bhiodh e gabhail air aghaidh’—chuir e m’am àm so air leth daoin’-uaisle ’bha gu stùradh an airm a ghabhail os-laimh:—Diuc Pheairt agus Morair Seòras Moireach mar sheanaileirean, Morair Elecho mar chorneileir air freiceadan diona a’ Phrionnsa féin; Iarla Chill-Marnoc na chorneileir air na trùpairean, agus Morair Phitsligo na chorneileir air marc-sluagh Shiorramachd Aonghais. Cuiridh mi nise sìos an so, fior àireamh agus ainmeanan nam Fineachan Gàelach a dh’ eirich a mach gu cogadh an aghaidh Rìgh Seòras. “Bliadhna Thearlaich.” Tha’ chunntas so air a tabhairt bho “Leabhar-Eachdraidh beatha Dhuic Uilleam” a chuireadh a mach ann an Lunnainn sa’ bhliadhna 1767. REISEAMAIDEAN NAM FINEACHAN GAELACH. Stiùbhartaich na h-Apunn—Stubhartach Aird-Seala, 200; Na Cam-shronaich—Loch-Iall, 700; Clann-Raonuill—Tighearna Chlann-Raonuill, 300; Clann-Dòmhnuill na Ceapaich—Fear na Ceapaich, 200; Dòmhnullaich Mhùideart—Tighearna Chinn-Loch-Mùideart, 100; Dòmhnullaich Ghlinne-Comhann—Mac-Iain Ghlinne-Comhann, 120; Chlann-Ionmhuinn—Mac-Ionmhuinn an t-Sratha, 120; Clann-Mhuirich Bhaideanach—Cluainidh Mac-a-Phearson, 120; Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh—Mac-’Ic-Alasdair, 300; Gòrdonaich Ghlinne-Bucaid—Gòrdonach Ghlinne-Bucaid, 300;Clann-Lachuinn—Mac-Lachluinn, 200; Clann-Dònnachaidh—Thighearna Sruthain, 200; Granndaich Ghlinne-Moiriston—Mac-Phàdruig, 100; Na h-Abhallaich—Morair Seòras Moireach, 600. Aireamh nan Gàel, 3560. NA REISEAMAIDEAN MACRACH. Muinntir Siorramachd-Aonghais—Morair Ogilbhi, 900; Muinntir Pheairt—Duic Pheairt, 700; Muinntir Narainn—Morair Narainn, 200; Muinntir Dhunéideinn—Iain Ruadh Stiùbhart, 450. Aireamh nan Gall, 2250. NA REISEAMAIDEAN EACH. Marc-shluagh Mhorair Elecho agus Mhorair Bhaile-Morino, 120: Marc-shluadh Mhorair Phitsligo, 80; Earla Chill-Marnoc, 60. Aireamh a Mharc-shluaidh, 260. Aireamh na h-armailt’ gu léir, 6070. Bha gach aon de réiseamaidean nam Fineachan fo chomannda an Ceann-cinnidh féin, agus càirdean bu dìllse nan Ceann-cinnidh na’n oifigich, agus an comhdhaltan anns na dreuchdan a b’fhaisge dha sin. Bha na daoin’ uaisle air toiseach nan réiseamaidean, agus bha tastan an fhir aca mar thuarasdal, ’nuair nach robh aig na h-ìslean ach sia-sgillinn, bha leth-chrun thuarasdail aig gach Caiptin agus dà thasdan aig gach oifigeach, agus ochd-sgillinn-diag aig gach fear-brataich. Bha na daoin’-uaisl’ air toiseach nan Réiseamaidean, air an éideadh na’n làn-dheiseachan Gàelach, sia slatan-diag breacain, eadar bhreacan-guaile ’s éileadh, (sin an t-uidheam ris an abradh na Gàeil bho shean, breacan an éilidh.) Bha bonaid beag gorm, biorach, orra mar cheann-aodach, cha robh ac’ air son phòcaidean ach na sporanan bruic. Bha gach gaisgeach dhiù so air armadh le gunna-glaic’ claidheamh mòr, agus paidhear dhagachan, biodag le sgian agus gobhlag-fheola na duile; a thuileadh air an sgithinn so, bha sgian dubh ’san osan, targaid, no mar their cuid gorsaid, air a’ ghàirdean clì. Bha clann na tuath’ air deireadh: an àite nam breacanan éilidh ’se bh’ air cuid aca feile-beag, no preasach, no ma theireir ann an cuid de dh’-àitean feile-cuaich: bha iad so air an armadh le “mosg mhór a’ pheileir Shasunnaich,” claidheamh agus biodag; b’ aineamh fear dhiù aig an robh sgiath. Air feasgar Di-haoine a’ chiad latha de’n Gheamhradh, ghabh cuideachda mhòr dhe’n àrm a bha fo chomannda Mhorair Deòrsa Moireach an t-slige gu Peebles le rùn Carlisle a ruidhinn rathad Mhoffat. Dh’ fhag a’ chuid eile de’n àrm Dail-Ché air an treas latha de’n Gheamhradh ’s am Prionnsa féin air an toiseach, a’ giùlan a thargaid air a ghua- Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8.00 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 104] [Vol. 9. No. 13. p. 8] lainn. Ghabh a chuideachda so an t-slighe bu dhìriche gu deas air tì coinneamh a thoirt do Mharasgal Bhade aig a Chaisteal-Nogha. Air dhaibh a bhi gabhail na slighe moch sa’ mhadainn so, seachad air dorus Phreston-hall fhuair am Prionnsa e chiad-lungaidh (no bracbhaist) bho bhan-tighearna Dhiùc Gòrdon a bha chomhnàidh ’san taigh sin: cha bu bhuannach do’n mhnaoi uasail chòir ud, an fhialachd so, cho luath sa’ chuala cùirt Rìgh Seòras gun do nochd i an urrad ud dheth a caoimhneas do ’n Phrionnsa, chaill i 1000 pund-Sasunnach sa’ bhliadhna ris; sùim airgeid a rinn parlamaid Shasuinn suas d’i ma choineamh na bliadhna, mar dhuais air son a cuid cloinne thogail suas anns a chreideamh Phrostanach. Air gabhail do’n Phrionnsa agus d’a armailt thar Chnoc-Shoutra stad iad an òidhche sin aig Laudar agus chuir e suas a chairtealan ann an Caisteal Thirlstane tàmhach Iarla Dhail-Laudeir. Air an ath mhadainn do bhrigh tuaraisgeul breagach a chual’ e gun robh réiseamaid laidir thrùpairean a’ tighinn na chòdhail air an t-slighe so, phill e air ais rathad Channelkirk a chum is gun tigeadh cuid dheth an arm a dh’ fhan sa’ bhaile sin rè na h-òidhche suas ris a mhòr-fheachd, ràinig e’n latha sin (a be ’n ceathramh latha de’n Gheamhradh) cho fad air aghaidh ri Kelso a’ coiseachd gach ceum de’n t-slighe gun each, gun chàrbad, a chum misneachd nan daoine chumail suas. Chaidh cuideachd eile dheth an arm air an agaidh rathad Ghall-Seile, Shelkirk, Hauig, agus Mhosspauil. A chuideachd de’n an arm a ghabh slighe an taobh siar, a bha ’g iomchair nan cannon agus treathlaich eil’ an àirm, ràinig iad Peebels air feasgar Di-sathurn an darra latha de chiad mhios a’ Gheamhraidh. Bha’ a’ ghrian a dol fodha ’nuair a chunnacas a’ chiad chuideachd ’a tearnadh a bharr nam mulaichean, a bha ’g-iathadh mu’n bhaile air gach taobh, agus bha a’ gathanan fann-bhui òir a tilgeadh mìle lainnir dheth na lannan libhidh stailinn a bha rùiste ann an dorn gach gaisgeich, ’s a’ dùsgadh uabhais ann an broilleichean luchd-àitichidh a’ bhaile, a chuala cheana ni ’s leòr do dhroch iomradh mu ’n mhuinntir a bha da’n iomchair. Ach chunnaic muinntir Pheebles gun robh na Gàeil na ’m buidheann mòran n’a b’fhearr na bha ’n t-ainm dhiù, agus nach tug iad aon chuid, ionnsaidh air an sgòrnanan a ghearradh, no air ’am maoin a spùileadh; mar bhasa ’g innse dhaibh a bha iad a deanamh air muinntir eile. Co-dhiù leig na Gàeil fhaicinn ann an so mar bha iad a’ deanamh anns gach àit’ a bha iad a ruidhinn, gun robh iad a sireadh ùmhlach a’s cìs araidh agus n’an rachadh iad sin a chumail uapa, gu’m [?]chadh iad’ lamhachas-laidir gu’n toirt a mach a “dh’ aindeoin co theireadh e,” air an aobhar sin chaidh iomadh cuideachd dheth an armailt gu caochladh theaghlaichean de’n bhaile, agus ma thimchioll a’ dh’iarraidh teachd-an-tìr agus cairtealan òidhche, agus chaidh na dh’iarr iad a bhairigeadh orra le caranachd agus caoimhneas. An deigh do’n chuideachd so de’n arm Ghàelach, latha no dha a chaitheamh ann an Peebles, dhìrich iad Monadh-Thuaid gu Moffat, agus an sin ghabh iad an t-slighe sios gu Anadail agus chaidh iad a steach do Shasuinn fagus do Changton. Dh’ fhan Tearlach féin ann an Kelso bho ’n Di-luain a chaidh e steach gu Di-ciadain, gun a rùnachd a leigeadh ri duine sam bith de mhuinntir a’ bhaile sin, ma ciod an taobh a bha sùil aige féin agus aig an àrmailt a ghabhail do Shasuinn, a chum an car a thoirt as an arm-dhearg, a bha dha fheitheamh anns a’ Chaisteal-Nogha, air an aobhar sin chuir e fios gu muinntir Wooler (baile a th’air an t-slighe a dh’ ionnsaidh a Chaisteil-Nogha,) cairtealan òidhche bhi aca réidh air chinn na h-àrmailt gu léir: agus air madainn Di-ciadain dh’òrduich e’n t-àrm a thriall air an t-slighe a bha treòrachadh gu Lunnainn, air taobh siar na Criche, a chum gun tàradh e seachad gun fhios do’n arm-dhearg, a bha n-an laidhe anns a Chaisteal-Nogha. Chuir am Prionns’ an òidhche sin seachad ann an taigh am meadhon Iedborgh, agus air dha eiridh moch sa’ mhadainn an ath latha chaidh e thar a bhealach gu taobh na h-airde-n’earra-dheas de dh-Uisge-Ruidhle, agus air dha imeachd ma astar chùig mìle fichead, chaidil e ’n òidhche sin ann a’ Hagihaugh ri taobh Uisge-Lith-dail, chaidil cuid dheth an armailt air na raointean, agus cuid eile ann an taighean na tuatha mu’n cuairt do ’n àite. Air an ath mhadainn (Di-haoine an t-ochdamh latha de chiad mhìos a Gheamhraidh), ghluais an t-arm sios Uisge-Lithdail agus a’ chuideachd a thriall rathad Shelkirk, agus sior Dail-Iue thàinig iad an ceann na cuid eile de’n fheachd ma cheithir mìle fo iochdar Langholm. ’Nuair a fhuair an t-arm gu léir air taobh thall na Crìche Sasunnaich thog iad iolach bhuaidh-chaithream, agus tharruinn gach fear a chlaidheamh a thruaill: ach chaochaill cuid aca snuadh, air dhaibh fhaicinn gun ghearr Loch-Iall a mhiar, air dha a bin rùsgadh a chlaidheamh, a cantainn gu’n robh e na chomharradh air diom-buaidh no turas mi shealbhach. Ri linn dhaibh a bhi air an turas so, ruith mòran dheth na daoine air falbh mar fhiùdmhailich, bha ròidean mòra Shiorranmachd Lannraig agus Shruidhleadh air an dùmhlachadh leis na gealtairean so a theich, agus tha mi’n dòchas nach miste leibh a’ chluinntinn gu’m bu Ghall-Albannaich no Machraich a’ chuid bu liugha dhiubh. (Ri leantuinn.) ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic m ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 105] [Vol. 9. No. 14. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 5, 1900. No. 14. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XIX. TACHARTAS EILE ’S AN EACHDRAIDH SO A’S FHIACH INNSE. Dh’ iarr a’ Bhan-Iarla a nis’ an t-suipeir fhaighinn deiseil, agus dh’ asluich i air an t-sagart pharaisde suidhe comhla riutha, agus thuirt i gu ’m feumadh Màiri, cuideachd, a bhi ann. Aig a bheannachadh, cleachdadh nach robhas a diochuimhneachadh ’s an àm ud aig buird nan uaislean, thainig smaointeanan ro thaitneach ’an inntinn Màiri. “Mo Dhia,” smaointich ise, “bu chruaidh thainig a’ chuis orm, agus b’ iosal mo chridhe, an uair, as deigh m’ obair latha, a chaidh m’ fhuadach air falbh o Bhaile na Craoibh Ghiubhais, gun bhiadh a dh’ ithinn; agus bu bheag mo smaointean gu ’n robh ’sa cheart àm sin suipeir ’ga deasachadh dhomh anns a’ chaisteal so. Tha mi ’toirt taing dhut, ’Athair ghradhaich, a th’ ann ’s na flaitheas, airson do fhreasdail throcaireach! O, thoir mathanas domh airson mo chuid an-dochais, agus deonaich dhomh do ghràsan, anns an rathad ’s nach caill mi m’ earbs’ annad gu siorruidh tuilleadh.” Chaidh iarraidh air Màiri a h-aite a ghabhail eadar a’ Bhan-Iarla ’s a bhaintighearn’ Amelia. Le saidealtas na h-oige cha robh i toileach suidhe sios an aite cho urramach. Ach thuirt a’ Bhan-Iarla gu caoimhneil rithe: “Cha ’n e do chall a rinn sinn ach do chuir air falbh, ar nighean; air an aobhar sin tha e ceart gu ’m biodh againn cuirm gairdeachais, agus is airidh thusa, mar sin, air an ait’ a’s airde;” agus anns na facail so rug i air laimh air Màiri agus threoraich i i dh’ ionnsaidh an ait’ an robh toil aic’ a cuir. Aig an t-suipeir cha robh iad a’ seanachas mu bheag eile ach eachdraidh Màiri. Thug an t-Iarla leis air an turus so an seann sealgair Antony: bha barail mhath aig air airson sealg; bha e tric a’ toirt cuideachaidh seachad aig a’ bhord, cha ’n ann bho riatanas a bha e ris ach le toil a dheagh run a nochdadh. Air an fheasgar so bha e ’na sheasamh air cul an t-seathair aig Màiri, agus chit’ e, o am gu am, a’ suathadh deur air falbh bho shuil. Bha cead aige, air saillibh aoise, facal a chuir a stigh an drasda ’sa rithist. “Nach do thionndaidh e a mach fior, a’ Mhàiri,” ars esan, “an rud a thuirt mi rint fhein ’s ri t-athair aig a chlach chriche ’s a choille. Cuiridh an fhirinn crioch air an la a’s fhaide; agus ge b’e ’chuireas earbs’ an Dia cha treig E e. Cha ’n ’eil ach aon rud a nise ’g ar dith. ’S e sin d’ athair a bhi beo los gu ’m faiceadh e ’n latha sona so! Iacob coir, nach e bhiodh toilichte ri faicinn a nighinn, a bha ni bu ghradhaiche leis na sian eile ’san t-saoghal as deigh bas a mhnatha, air a gairm neo-chiontach agus air a h-urramachadh. Cha ’n urrainn mi a chuir as m’ inntinn nach faodadh Dia beagan mhiosan eile de shaoghal a thoirt da. Ged a leigeadh e leis am bas fhaighinn air an fheasgar so fhein leis an toileachadh, bha mi lan riaraichte, chionn bhiodh e beo fada gu leoir airson a’ chuis-shòlais so fhaicinn!” “Tha mi ’toirt creideas duit airson na thubhairt thu,” ars’ an sagart paraisde; “tha e ’na dheagh innse air do chridhe. Ach feumaidh sinn sealltuinn romhainn ni ’s fhaide na ’n saoghal so; oir cha ’n ’eil ar cuairt air an talamh ach gearr agus gle thric mi-shona, a chuid a’s neo-thoilichte de ’r beatha. Cha ’n ’eil ’san t-saoghal so ach slighe gu ait’ a’s fhearr; cha ’n ’eil ’n ar beatha thalmhaidh ach uidheamachadh airson beatha eile ni ’s luachmhoir ’s na flaitheas. Na ’m bitheadhmaid a toirt fanear beath’ an duine dealaichte bho ’n chrannchur shiorruidh, thachradh iomadh ni ruinn a chuireadh an teagamh sin a thaobh gliocas, mathas agus ceartas Dé. Ach ’n uair a thogas sinn ar suil suas ri neamh, gheibh sinn soilleireachadh a chuireas an teagamh sin a thaobh gach truaighe is bochduinn shaoghalta. “’S ann mar so a thachair a bhith ’an cas Iacoib us Màiri. Tha fulangas na h-ighinn bhochd air a dheanamh suas gu dearbh leis an fhialachd a’s motha. Ach bha bas an t-seann duin’ fhiachail car iongantach—dh’ fhalbh e agus droch bharail aig a mhaighstirean ard-inntinneach, gradhach air; dh’ fhalbh e am bochduinn, agus, rud bu dorra leis na sin uile gu leir, bha e ’fagail a nighinn ann an cor truagh. Mar a bitheadh saoghal eile ann, theireadhmaid gu ’m bu chruaidh an gnothuch na dh’ fhuiling e ann am foighidin air sailibh na h-eucoir a chaidh a dheanamh air; agus chuireadh na smaointean a chuir an duine beannaichte so an ceill, gu math, bron air gach cridhe truacanta. “Ach tha beatha ’s fhearr ann; tha—agus tha feum againne, creutairean basmhor, gu ’m bheil ann—dachaidh far an d’ theid cunntas ceart a thoirt a mach air ar fulangas. Agus an sin, ’s na flaitheas, tha athair Màiri air a dhuaiseachadh ni ’s fhearr airson nan trioblaidean nach do thoill e, no tha, eadhon, a nighean ’an so air thalamh. ’An sud tha e blasad air aoibhneas a’s airde, seadh, air toilinntinn is gloir dha nach deanadh a chuirm shaoghail so, ’san talla eireachdail so, eadhon sgaile. “Ach so tuilleadh—tha fios cinnteach agam air, tha mo chridhe ’g innse dhomh, agus an corra rud, tha barrachd earbsa ri chuir as a’ chridhe na[?] a’ cheann—tha mo chridhe ’g innse dhomh gu ’m bheil an seann duine beannaichte, air nach d’ thainig atharrachadh am flaitheanas, a’ gabhail barrachd de phairt an toileachadh na h-oidhche so na shaoileas sinne. Chionn gu ’m bheil mi ’faicinn nan aoidhean urramach tha mu ’n cuairt air a bhord ag eisdeachd cho curamach, innsidh mi naigheachd bheag air nach d’ thugainn tarruinn idir na ’m bitheadh cuisean air atharrachadh doigh. “Thainig mi aona mhaduinn a choimhead an t-seann duine choir, ’s e tinn ’s a’ leapaidh. Ged a bha earbsa laidir aige ’an Dia daonnan, gidheadh cha b’ urrainn da a chuir as a chridhe ciamar a dh’ eireadh do Mhàiri as deigh so. Ach air a mhaduinn so bha e ’an gean fior mhath. Bha e coimhead fior thoilichte; shin e a mach a lamh thugam as a’ leabaidh, agus thubhairt e: ‘Tha ’n sac fa dheireadh a nis’ air a thoirt air falbh far mo chridhe, ’s e sin iomaguin air son mo nighinn. Tha mi a nise lan thoilichte. Chaidh agam air urnaigh a dheanamh an raoir, mar nach deachaidh agam riamh roimhe, agus uaithe sin fhuair mi fois inntinn nach b’ abhaist maille ri earbsa laidir ’n am chridhe a ruigheachd fhlaitheanais. Tha mi creidsinn gu daingeann gu ’n d’ fhuair m’ urnaigh eisdeachd. Le dòchas laidir duinidh mi nise mo shuilean ’an suain a bhais, chionn tha fios agam gu ’n d’ thig fhaighinn a mach fhathast gu ’m bheil mo nighean neo-chiontach; agus gu ’n gabh an t-Iarla urramach curam athareil di fhathast, ’s gu ’m bi a’ Bhan-Iarla dhi mar mhathair.’ ’S ann mar so a labhair an seann duine beannaichte air a’ mhaduinn an deigh na h-oidhch’ ud; agus gu de b’ iongantaiche leam fhein na thuigsinn air an fheasgar so, gu ’m b’ i sud a’ cheart oidhche ’thug an stoirm a nuas an t-seana chraobh, agus a dh’ aobharaich gu ’n d’ thainig neo-chiontas Màiri ’s am fàine an uachdar. ’S ann mar so ’fhuair an urnaigh iriosail aige eisdeachd. Agus a chionn gu ’n robh urnaigh an duine bhochd cho ceart a’ dol suas gu cathair an Fhir sin ’tha riaghladh gach gnothuch talmhaidh ’s gu ’n d’ fhuair e ceartas da nighinn, ’nuair bu gheire ’mulad, agus am feasgar solasach so ’chuir ’n ar rathad-ne; ciamar, mata, a bhios an gnothuch toilichte so am falach air an fhear sin a bha cho iomaguineach ma dhan a nighinn? Tha dochas laidir agam, ged tha e air taobh thall na h-uaighe, gu ’m beil fios aige mu fhortan a nighinn, agus a’ gabhail pairt ’n ar sòlas. Biodh sin, air a shon sin, mar thogras e, ach tha e cinnteach gu ’m beil urnaigh dhurachdaich an t-seann duine, agus cho ealamh ’s a fhuair i eisdeachd, a cuir a h-uile facal de ’n eachdraidh so ’san t-solus a’s soilleire ’s a’s eireachdaile, agus, mar gu ’m b’ eadh, a’ crunadh na cuise gu leir. Tha freasdal Dé ro-shoilleir ri fhaicinn dhuinn uile ’s a’ ghnothuch so. “Cha ’n e,” ars’ an sagart a rithisd, “cha ’n ann le fior thuiteamas a thainig sinn cuideachd an so a nochd; cha dàn gun eolas a dh’ ullaich duinn an tacan solasach, taitneach so. ’S e freasdal math Dé a thug mise, coigreach mar bha mi, am measg na coisir urramaich so, los gu ’n innsinn duibh briathran mu dheireadh an duine, na briathran sin a tha ’toirt comais duinn air faicinn troimh ’n ghnothuch so gu ruig an grunnd. “Tha so, cuideachd, a’ dearbhadh dhuinn, ged tha Dia a’ lionadh cridheachan pharantan leis a ghràdh a’s caoine dha ’n cloinn, gu ’m bheil, fhathast, gaol a’s motha aig air an t-sluagh gu leir, agus a’ gabhail barrachd curaim diubh na ’s urrainn athair no mathair talmhaidh a dheanamh. Faodaidh, a bharrachd air a sin, gu ’m beil cridhe athar a’ plosgardaich air ar son, beo ’us marbh. [TD 106] [Vol. 9. No. 14. p. 2] Agus ’se bhi creidsinn ’an so, air n-aon earbs’ an am na h-eiginn ’s aig uair a’ bhais; oir ’s iad sin an da ni nach seachainn sinn go b’e staid ’s am bi sinn; an da ni sin do nach ’eil urram, no eadhon an crun fhein, na dhion.” “’S e so mo bharail-sa cuideachd, a’ dheagh athair!” ars’ a’ Bhan-Iarla, agus i ’g eiridh ’s a breith air laimh air. Dh’ eirich cach uile nan seasamh, cuideachd. “Tha e a nise ’fas anamoch,” ars’ ise, as deigh sin, “agus bho ’n dh’ fheumas sinne falbh moch ’s a’ mhaduinn, tha ’n t-am againn gabhail mu thamh, agus mar so dealachadh, ann an doigh ’s nach bi na deagh smaointeanan a thog an sagart caomh so ’nar cridheachan air an cuir a null ’sa nall; oir so an doigh ’us fhearr an d’ thoir sinn a’ latha gu crich.” (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. VI. Ghaibh righ Phersia misneach an uair a chual’ e na briathran a labhair Gulnara, agus chaidh iad le cheile do ’n t-seomar. An uair a thug i an righ an lathair a mathar ’s a brathar ’s a luchd-daimh eile, leig iad iad-fhein ’nan sineadh aig a chasan agus an aghaidhean air an lar. Ghrad thog an righ ’nan seasamh iad, agus ghlac e ’na ghairdeanan aon an deigh aon dhiubh. An uair a shuidh iad uile, labhair righ Saleh mur so ri righ Phersia: “Is gann gur urrainn duinn briathran freagarrach gu leor fhaotainn gus ar n-aoibhneas a chur an ceill, an uair a smaoinicheas sinn gu ’m bheil mo phiuthar, an deigh gach mi-fhortan a thainig ’na rathad, a nis cho sona ’s gu ’m bheil i fo dhion righ cho cumhachdach ribhse. Gabhaidh sinn oirnn a radh nach ’eil i neo-airidh air an t-suidheachadh ard anns an do chur sibh i. Bha leithid de ghradh agus de chaomhalachd againn riamh rithe ’nach b’urrainn duinn smaoineachadh air leigeadh leatha aon de righrean treuna agus cumhachdach a’ chuain a phosadh, ged a bha iad gu tric ’g a h-iarraidh ri ’posadh mu ’n d’ thainig i gu aois. Ghleidh an Cruithfhear i ar bhur sonse, mo thighearna, agus cha ’n ’eil doigh a’s fhearr againn air ar taingealachd a thairgse dha na bhith ’guidhe air gu ’n deonaicheadh e saoghal fada agus beatha shona dhuibh ann an cuidheachd a cheile, agus soirbheachadh mor a thoirt dhuibh anns gach doigh.” Fhreagair righ Phersia, agus thuirt e, “Ghleidh an Cruithfhear dhomhsa i cinnteach gu leor mar a thubhairt sibh. Tha barrachd graidh agam dhi na bha agam do bhoirionnach a chunniac mi riamh roimhe. Cha ’n urrainn domh taing gu leor a thoirt do ’n bhanrigh a mathair, no dhutsa, a phrionnsa, no do bhur teaghlach gu leir air son cho toileach agus cho caoimhneil ’s a ghabh sibh rium do ’r teaghlach urramach mar chliamhuinn.” An uair a thuirt e so, dh’ iarr e orra suidhe gu biadh aig a’ bhord, agus shuidh e fhein Gulnara comhladh riutha. An deigh dhaibh am biadh a ghabhail, bha iad fhein is righ Phersia a’ comhradh gus an robh greis mhor dhe ’n oidhche air a dhol seachad; agus an uair a bha iad a’ dol a ghabhail mu thamh, sheall e fhein dhaibh na seomraichean cadail a dheasaicheadh air an son. Chum righ Phersia suas fleadhachas mor o latha gu latha. Rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a chum gu ’m faiceadh iad gu ’n robh cleachdadh na cuirte air a chumail suas le maise agus le moralachd air nach b’ urrainnear barr a thabhairt. Agus dh’ aontaich iad air a chomhairle nach fhalbhadh iad gus an rachadh an darna taobh dhe ’n bhanrigh. An uair a thainig laithean a h-inbhe gu crich, dh’ ordaich e gu ’m biodh a h-uile ulluchadh feumail air a dheanamh. Air an oidhche sin fhein rugadh mac dha, agus bha e fhein agus gach aon a bhuineadh do ’n teaghlach anabarrach aoibhneach. Cho luath ’s a chuireadh an leanabh air doigh agus a chuireadh aodach riomhach uime, thugadh an lathair an righ e. Bha ’n righ air a lionadh le aoibhneas do-labhairt an uair a ghlac e a leanabh mic ’na ghairdeanan. O ’n a bha ’n leanabh anabarrach maiseach, cha do smaoinich an righ gu ’n robh ainm sam bith cho freagarrach air ri Beder, facal de chanain Arabia a tha ciallachadh, a’ Ghealach Lan. Mar chomharradh air a thaingealachd do ’n Chruithfhear, dh’ ordaich an righ moran deirce a thoirt do na bochdan, na priosanaich a leigeadh mar sgaoil, agus an saorsa thoirt do na traillean. Thug e suim mhor airgeid seachad gus a bhith air a roinn air na daoine diadhaidh eile a bha anns an rioghachd. Thug e tiodhlacan mor do mhaithibh na cuirte, a bharrachd air an t-suim mhoir a dh’ ordaich e bhith air a roinn am measg an t-sluaigh. Agus dh’ ordaich e gu ’m biodh fleadhachas agus gairdeachas anns a’ bhaile fad sheachd latha. Air lath’ araidh an deigh do bhanrigh Gulnara eirigh bhar leaba na siubhla, bha i fhein is righ Phersia, a bhanrigh a mathair, righ Saleh a brathair agus na bana-phrionnsachan eile a’ comhradh ri ’cheile anns an t-seomar, agus thainig a’ bhanaltrum a steach agus Beder am prionns’ og aice ’na gairdeanan. Cha bu luaithe a chunnaic righ Saleh e na ruith e gus breith air ’na ghairdeanan. An uair a rug e air, thoisich e ri ’phogadh ’s ri chniodachadh le mor chaoimhneas. Chaidh e mu ’n cuairt an t-seomair leis caochladh uairean, agus e ’g a chrathadh ’s ’g a thogail suas. Thachair gu ’n robh uinneag an t-seomair fosgailte, agus sid am mach a ghabh e troimh ’n uinneag ’s an leanabh aige ’na lamhan, agus ann an tiotadh chaidh e as an t-sealladh anns a’ chuan. An uair a chunnaic righ Phersia mar a thachair, thoisich e ri glaodhaich gu h-eagalach, agus e ’smaointean nach fhaiceadh e sealladh dhe ’mhac beo gu brath tuilleadh. Bha e an impis a bhith marbh leis a’ bhron a bh’ air. “Mo thighearna,” arsa Gulnara, agus coltas seimh, foisneach air a gnuis, a chum misneach a thoirt dha, “na biodh eagal sam bith air bhur morachd mu dheidhinn an leinibh. Tha e ’na mhac dhomhsa cho math ’s a tha e dhuibh fein, agus tha uiread de ghaol agam air ’s a th’ agaibh fein. Tha sibh a’ faicinn nach ’eil iomaguin sam bith orm m’ a dheidhinn; oir cha ’n ’eil aobhar dhomh ann. Cha ’n eirich beud dha. Chi sibh brathair a mhathar a’ tighinn air ais leis gun dail a cheart cho sabhailte ’s a bha e roimhe. Tha m’ fhuil-sa ann a’ cheart cho math ri bhur fuil fhein, agus coltach riumsa agus, ri brathair a mhathair, theid aige air a bhith ’cheart cho beo ’s a’ chuan ’s a bhios e air tir.” Dh’ aontach cach uile gu ’n robh na thuirt Gulnara fior gu leor; ach a dh’ aindeoin na thuirt iad ris, cha tugadh an righ geill no creideas dhaibh gus am fac’ e Beder a rithist beo, slan ’na lathair. Mu dheireadh thoisich a mhuir air a dhol troimh a cheile, agus thainig righ Saleh an uachar, agus an leanabh aige ’na lamhan, agus ann an uine ghoirid thainig e steach air an uinneig leis. Bha righ Phersia ro aoibhneach an uair a chunnaic e Beder a mhac beo, slan, fallainn air a bheulaobh, agus e cho samhach ’s ged nach rachadh e riamh do ’n chuan. Thuirt righ Saleh ris, “Mo thighearna, tha fios agam gu ’n do ghabh sibh eagal mor an uair a chunnaic sibh mise ’dol do ’n chuan agus an leanabh agam.” “Ochan! a phrionnsa,” arsa righ Phersia, “cha ’n urrainn mi innseadh an dragh a chuir e air an inntinn agam. Bha mi ’smaointean nach fhaicinn sealladh gu brath tuilleadh dheth; ach tha mi nis toilichte an uair a thug sibh air ais do ’m ionnsuidh beo, slan e.” “B’ e sin mo bharail, ged nach robh aobhar eagail sam bith agaibh m’ a dheidhinn,” arsa righ Saleh; “oir mu ’n deachaidh mi fo ’n mhuir leis, labhair mi facail dhiomhair a bha sgriobhte air an t-seula a bh’ aig Solamh mor, mac righ Daibhidh. Tha sinn a’ deanamh a’ cheart ni air a’ chloinn a tha air am breith dhuinn ann an grunnd a’ chuain, agus air an doigh so tha sochairean aca nach ’eil aig na daoine a tha air am breith air an talamh. Faodaidh sibh a thuigsinn o na chunnaic sibh gu ’m bi e ri bheo buannachdail do bhur mac, prionnsa Beder, fad uile laithean a bheath gur i Gulnara mo phiutharsa is mathair dha. Ge b’ e uair a thogras e, faodaidh e leam do ’n chuan, agus coiseachd air a’ ghrunnd fhad ’s a thogras e.” An uair a labhair righ Saleh na briathran so, thug e an leanabh do ’n bhanaltrum. An sin dh’ fhosgail e bocsa a thug e leis an lath’ ud as an luchairt aige fhein ann an grunnd a’ chuain, ged nach robh e ach beagan uine air falbh. Thug e as tri cheud daiman, agus a h-uile fear dhiubh uiread ri uighean chalaman; a’ cheart aireamh de rubais a bha anabarrach mor; a’ cheart aireamh de shlatan emerald anns a robh leith-troidh a dh’ fhad; agus deich air fhichead de bhannan-amhaich anns an robh deich troidhean a dh’ fhad, a h-uile fear dhiubh. Mo thighearna,” ars’ esan ri righ Phersia, an uair a bha e ’tairgseadh a’ bhocsa dha, “an uair a chuir mo phiuthar fios orm, cha robh fhios agam ciod an t-aite dhe ’n talamh anns an robh i, agus cha mho a bha fhios agam gu ’n robh a dh’ urram aice a bhith posda ri righ mor, cumhachdach mar a tha sibhse. Thug so orm tighinn gun dad ’nam laimh. Agus o nach urrainn mi cainnt a chur air cho fad ’s a tha sinn ’nur comain, tha mi ’guidhe oirbh gu ’n gabh sibh uam an comharradh beag so air mo thaingealachd air son gach caoimhneas a nochd sibh do m’ phiuthair; agus thug bhur caoimhneas dhi toileachadh mor dhuinn uile.” Bha ioghnadh do-labhairt air righ Phersia an uair a chunnaic e cho fior luachmhor ’s a bha na bha anns a’ bhocsa. “Ciod e tha sibh ag radh, a phrionnsa,” ars’ esan, “am bheil sibh ag radh gur e comharradh beag air bhur taingealachd a th’ anns na seudan ro luachmhor so? Cha robh sibh riamh fo chomain mhor dhomhsa. Tha mi ’gam mheas fhein gle shona an uair a dh’ aontaich sibh cleamhnas a dheanamh rium.” “A bhaintighearna,” ars’ esan, agus e ’tionndadh ri Gulnara, “tha ’n righ, do bhrathair, an deigh mo chur gu mor troimh a cheile; agus tha mi ’guidhe air gu ’n toir e cead dhomh an tiodhlac so a dhiultadh; ach tha eagal orm nach bi e toilichte dhiom mur gabh mi uaith e. Air an aobhar sin, feuch thusa ri thoirt air cead a thoirt dhomh an tiodhlac ro luachmhor so a dhiultadh.” “Mo thighearna,” arsa righ Saleh, “cha ’n ’eil ioghnadh sam bith orm ged a tha sibh a’ smaointean gu ’m bheil an tiodhlac so anabarrach luachmhor. Tha fios agam nach robh sibh cleachdte ri bhith ’faicinn clachan luachmhor cho mor ’s cho math so air [TD 107] [Vol. 9. No. 14. p. 3] an talamh. Ach nam biodh fhios agaibh, cho math ’s a th’ agamsa, air na meinnean as am bheil na seudan so air am buinig, gus gu ’m bheil e comasach dhomhsa ionmhas fhaotainn moran na ’s mo na ionmhas uile righrean na talmhainn, is ann a chuireadh e annas oirbh gu ’n gabhainn de dhanadas tiodhlac cho beag so a thairgseadh dhuibh. Tha mi ’guidhe oirbh, air an aobhar sin, nach bi sibh ’g a mheas mar thiodhlac beag, suarach, ach mar chomharradh air an fhior chairdeas a tha ’toirt oirnn a thairgseadh dhuibh, agus nach toir sibh dhuinn de mhi-thoileachadh gu ’n diult sibh a ghabhail.” Thug na briathran so air righ Phersia gu ’n do ghabh e an tiodhlac. Agus thug e moran taing do righ Saleh agus d’ a mhathair air a shon. (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XV. GLACADH BAILE CHARLISLE. Air an naoidheamh latha de ’n Gheamhradh fhuair am Prionnsa fheachd cruinn agus dh’ imich iad gus an d’ ràinig iad fa-chomhair Charlisle, baile bha uairiginn air a mheas na dhion do Shasuinn bho ainneart Alba. Air an latha sin chaidh prasgan de thrùpairean a’ Phrionnsa gu uchdanan Stan-Uig a’ ghabhail beachd air a’ bhaile tro ghlaineachan-amhairc, ach chaidh beagan urchraichean a losgadh orra bho dhaighneach a’ bhaile agus b’ éiginn daibh teicheadh: air an ath latha chaidh an t-arm a null air caochladh àthan de dh’ Abhainn Eidin agus bhruchd iad timchioll a’ bhail’ air gach taobh, agus sgrìobh am Prionnsa litir gu ard-cheannard na daighneich ag iarraidh air, an armailt a leigeadh do ’n bhaile le sìth, a chum calldachd agus dortadh fala ’sheachnadh, ni air nach robh e idir an geall, cho fad sa b’ urrainn e a sheachnadh, ged thubhairt e, gum b’ eiginn da sin a dheanamh n’an diultadh iad ùmhlachd dha àinte. Goirid an deigh so thàinig naigheachd a dh’ionnsaidh a’ Phrionnsa’ gun robh Marasgal Bhade agus an t-arm-dearg air an turas as a Chaisteal-Nogha a chum furtachd air teanndachd Charlisle, agus mheas e iomchaidh gum bu chòir dha ’n àrmailt Carlisle fhagail air an àm sin a chum coinneamh a thoirt do Bhade anns na beanntaichean eadar Carlisle agus an Caisteal-Nogha. Ràinig e Caisteal-Uaruig ma dheich uairean ro mheadhon latha, air an aon latha diag, agus stad e air an òidhche sin aig Branton. Dh’ innseadh dha an sin gum bu sgeula-bréige a chual’ e ma dhéibhinn Mharasgal Bhade a bhi tighinn na choinneamh; air an aobhar sin, phill e Diùc Pheairt agus Morair Seoras Moireach air an ais, le àireamh lionmhor dheth an armailt gu séisd a’ chuir ri baile Charlisle. Air dhaibh pailteas fiodha air son fhàraidhean a bhuain ann an Coille Chorbaidh agus mòran fàil a ghearradh ann am pàirceachan Uaruig, ghiùlan iad am fiodh agus am fàl sin fa-chomhair a’ bhaile air an tri-amh latha diag de’n mhìos, agus thòisich iad air togail dùn cloiche ’s fàil (ni ris an can na Gaill Bateri) a chum na gunnaidhean mòra thoirt an àite teine do bhalla ’bhaile. Thog iad na dùin so an imisg dà-fhichead aitheamh bho ’na bhalla. Bha Diùc-Pheart agus Morair Seòras ag obair ás an léintean ’san dìge a’ gearradh fàil agus a’ togail chlach, a chum misneach nan daoine chumail suas; agus ged a bha ’n gearasdan a dion logadh ghunnaidhean mòra orra fad na h-uine—’s gann gun d’ eirmis iad ach fear no dhithis de’ n luchd-obair, agus lean na Gàeil mar so air cladhach, ’s air bùrach, ’s air togail an duin gu solus na h-ath mhaidne, agus an uair a chunnaic muinntir a’ bhaile agus am freiceadan an obair a rinn na fir ghasta, ann an ùin cho gearr, ghabh crith, a’s eagal, a’s gairsinn, greim air an aignidhean anmhuinn, agus cho luath sa’ chunnaic iad na Gàeil a’ socrachadh nan gunnaidhean mòra air na sorrachanan thog iad a bhratach bhàn ri crann, mar chomharradh air gun robh iad air géilleadh, agus chuir iad teachdaire dh’iarraidh cùmhnanta sìthe. Chaidh teachdaire dh-ionnsaidh a’ Prionnsa gu Brunton a dh’ innse dha mu’n bhuaidh, agus a dh’ fharraid ciod e ’na cùmhnantan a bha e gu ghabhail bho mhuinntir a’ bhaile. Bha gnàthachadh chomanndair Chaisteal Dunéideinn fathast fa-chomhair inntinn Thearlaich, agus chuir e fios gun iad a ghabhail cumha na cìs’ ach smùid dearg a chuir ris a’ bhaile mar a géilleadh an gearasdan, agus an fheachd a bha ’n taobh a steach dha an cuid armachd a liubhairt. Cho luath sa chuala Cornaileir Durand, comanndair a ghearasdain so, thug e ’n gearasdan suas maille ris a’ bhaile, ma dheich uairean sa’ mhadainn an cuigeamh latha diag de cheud mhìos a Gheamhraidh chaidh geatachan Charlisle fhosgladh do na Gàeil, agus is iomadh laoch treun a chaidh a steach le gàirdeachas do’n chaisteil so anns an robh fa-dheoigh an cuid ceann air a charadh mar shùlachan air stob. Mu’n do chuir an t-arm Gàelach cas air fearann Shasuinn thainig a’ chuid mhòr dheth an arm-dhearg air tìr ann an Lunnainn á Flànrais: agus am feadh a bha ’m Prionnsa na stad ann an Carlisle thainig àireamh 10,000 saighdear ionnsaichte gu Siorramachd Stafford a chum coinneamh a thoirt do’n arm Ghàelach Bha muinntir Shasuinn a’ saoilsinn gum biodh e na ghnothach ro mhi-ghlic do ’n Phrionnsa feuchainn ri dùbhlan a thoirt do’n fheachd lionmhor so, agus gu dearbha, bha na Gàeil fein, a dh’ aindeoin feobhas a misnich, a’ smaointeach nach biodh e ach na ghniomh cuthaich ionnsaidh thoirt air armailt cho laidir, agus cho acuinneach,—agus a bharr orra so, chaidh feachd eile thogail ann an Sasuinn a chum Lunnainn a dhion, agus bha Rìgh Seòras gu bhi mar cheann orra! Cha robh Tearlach féin a ghabhail a bheag a gheilt a dh-aindeoin na bha e cluinntinn a bha cruinneachadh na aghaidh, cha chreideadh e nach tugadh na Gàeil buaidh le còmhnadh nan daoine bha e’n dùil a dh’ éiridh leis ann an Sasuinn fein, maille ris an fheachd laidir ris an robh dùil aige thighinn ga ionnsaidh gach làtha as an Fhràing. Beagan lathaichean an deigh dhaibh Carlisle a ghlacadh, chuir am Prionnsa agus cinn-feaghna nam finneachan an comhairle cuideachd, ciod bu chòir a dheanamh. Thuirt cuid gu’m bu chòir dhaibh an Caisteal-Nogha a ruidhinn agus latha catha fheuchainn ri feachd Mharasgail Bhade; thuirt cuid eile, gum b’fhearr dhaibh triall do Lunnainn rathad Shioramachd Lanca agus latha blàir a chumail ris an fheachd lionmhoir a bh’ air cruinneachadh ’nan aghaidh ann an Siorramachd Stafford; thuirt an treas luchd-comhairle gum b’fhearr dhaibh pilleadh air an ais do dh-Alba, ’thaobh nach robh iad a faicinn coltas sa’m bith air gun eireadh feachd a b’ fhiù ’nan aobhar ann an Sasuinn, agus nach mò bha choltas air gun tigeadh cobhair do ’n ionnsaidh as an Fhràing. Mu’n deach’ am Prionns’ n’a b’ fhaid’ air aghaidh chuir e Mac-Lachuinn ceann-cinnidh Chlann-Lachuinn air ais do dh’-Alba le litir gu Tighearna Shrath-Ailein ard-cheannard na feachd ann an Albainn a’ dh’ iarradh air na chruinnich e de dhaoine ’chuir air falbh gun stad gus an ruigeadh iad a’ mhòr-fheachd ann an Sasuinn. Mu ’n àm so fhuair am Prionnsa naigheachd á Albainn, a thug dha fìor bheag misnich; bha mòran sluaigh a bh’ air éirich leis ann an Dunéideann, am Peairt, agus ann an Dundeagh air atharrachadh an inntinn, agus air tréigsinn a bhrataich. Chruinnich Tearlach a nise na bh’ aige ann an Sasuinn dheth an armailt ri chéile, agus air dha an àireamh, cha robh aige ach ma thuaiream 4500 fear, ruith làn mhile dhiu air falbh air an turas eadar Carlisle agus Dunéideann; gidheadh, cha robh teagamh aig Tearlach nach cruinnicheadh lionmhorachd dheth na Sasunnaich fo bhrataich. Air an dara latha fichead de’n mhìos bha’n chiad chuideachd dhe ’n arm air an deanamh suas de chuid dheth na réiseamaidean Macrach agus marc-sluagh Eilecho, fo chomannda Mhorair Deòrsa Moireach, agus ghluais iad gu ruige Penruith, baile tha ma thuaiream da cheud ceithir-fichead a’s ceithir mìle dh’-uidhe air an taobh so do Lunnainn. Air an ath latha ghluais réiseamaidean nam Fineachan Gàelach gu ruige Penrith, a’ fàgail ceud gu’n leth fear ann an gearasdan Charlisle. A chum misneach an t-sluaigh a chumail suas bha m Prionnsa féin a’ falbh ri’n taobh gun each gun ghille; air dha bhi gabhail thar sliabh aonaranach eadar Penrith agus Sap, bha e air a theirbeirt le sgìos agus cion cadail cho mòr as gum b’eiginn da greim a dheanamh air crios-guaile fear dheth na daoine, chum a chumail bho thuiteam, agus choisich e mar so iomadh mìle eadar a bhi na chadal ’s na dhùisg. Fathast bha na bha iad a faicinn de shluagh Shasuinn ag amharc orra le beag meas agus dù-ghrain, bha ’n éideadh agus an cainnt a sgaoileadh uabhais rompa mar bha ìad a’ triall; anns gach àite anns an robh iad a dol a steach bha ’n luchd-àitichidh a’ gabhail iongantais nach robh iad a stad agus a spùileadh gach bùth a bha ri taobh na slighe air an robh iad a’ falbh, agus cha ’n robh an iongnadh idir na bu lugha ’nuair a chunnaic iad gu’n robh na Gàeil cho taingeil air son gach caoimhneas a bhasa taisbeanadh dhaibh. Air an turas sgìth àngharach so, bha na Gàel ag éiridh ro bhristeadh an latha, gun ghnè sam bith de theachd-an-tìr ach beagan de mhin choirc a bha na h-uile fear ac’ a giùlan air a mhuin ann am poca beag cainbe, agus dheth nach robh iad a dh’aon chuid a’ deanamh lite, brochan, no aran, ach stapag (no mar their cuid, fuarag) air uisge fuar an lodain, bho thaobh an rathaid, be sin mar bu trice bu lòn daibh, ach air uairean bha iad a faotainn biatachd anns na taighean anns an robh iad a’ cur suas air an òidhche. Bha na Sasunnaich a’ gabhail mòr iongnadh gu ’n robh daoine bha tighinn beò air beatha cho suarach so comasach air coiseachd bho fhichead gu deich thar fhichead mìle san latha fhuar gheamhradh, fo mheachainn gach sion a’s doirinn, le sléisnean rùiste, agus ged do bha iad beagan uairean gach òidhche fo fhasgath taighe, bha iad daonnan air an cois roi’ ghuth an eoin; a’ gabhail fà air solus na gealaich air deireadh na h-òidhche. Ràinig iad a nise baile beag margaidh ris an canair Preston, dh’ fhàilticheadh iad le rudaiginn faoilte sa’ bhaile sin. Cho luath sa dh’ inndrinn iad an ceann a’ bhaile thòisich na cluig air séirm agus dh’ eirich cuid de mhuinntir a’ bhaile leo. Anns a’ bhaile so thàinig duin’-uasal da’ m b’ ainm Mr. Townley de chreideamh an t-Sagairt fo’ bhratach Thearlaich; b’e so a’ chiad duin’-uusal an Sasuinn aig a ròbh a bheag sam bith de chumhachd a dh’ eirich leis. Thuirt am Prionnsa nis’ gu ’n robh e ro dheò- (Air a leantuinn air taobh 110.) [TD 108] [Vol. 9. No. 14. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OCTOBER 5, 1900. LITIR A NEW ZEALAND. “Agus dh’ innis iad dha agus thubhairt iad, thainig sinne a dh’ ionnsaidh an fhearainn gus an do chuir thu sinn agus gu deimhin tha e sruthadh le bainne agus le mil agus is e so a thoradh.”—Aireamh xiii: 27. ’S tric a chuala mi na facail so. Na litrichean a bha sinn a faighinn ann an Ceap Breatunn bho ’n dùthaich so, cha b’ urrainn doibh moladh a b’ fhearr a dheanamh air saoibhreas na duthcha so na bhi ’g ainmeachadh nam facail ud, “A sruthadh le bainne agus mil.” An t-Urramach Tormad Mac Leoid ’nuair ’shuidheadh e aig biadh, bhiodh e ’n comhnuidh toirt taing gu robh an sluagh a togail as an talamh anns na h-aitean aca fein. Bha e na mheadhoin air an sluagh a ghluasad thun nan duthchannan so (Australia). Cha robh e sona gus an d’ fhuair e fearainn dhaibh; ’nuair a thachair sin bha e ’n comhnuidh ’toirt taing agus beannachd airson a h-uile trocair a bha air a ghnathachadh dha agus do ’n t-sluagh a thainig air a sgath. Bha ’n dùthaich as an deach na briathran so ’labhairt, anns an aon chuairt de ’n t-saoghal anns an aird a’ tuath mar tha so gu deas. Tha sinn, a rithisd, saoibhear anns na nithibh ud, “bainne agus mil,” ged a tha, tha e na cheisd am bheil sinn toilichte leis? Chaidh seillein na meala ’thoirt do ’n dùthaich so mu thri fichead bliadhna air ais. Tha cuid ag radh gur ann á Australia a chaidh an toirt; ach tha dearbhadh gur e Baintighearna Hobson, bean an fhir-riaghlaidh a bh’ ann aig an am sin, a thug do ’n dùthaich iad. Sgaoil iad fad ’us farsuinn feadh na dùthcha bho ’n uair sin. Tha leabhar mor air a sgriobhadh mu thimchioll nan seillean. Cha ’n ’eil e nam chomas an leabhar so a leantuinn air fad, ach ni mi beagan dhe na th’ ann innse. Tha ’choille lan meala. A h-uile craobh anns a’ bheil toll no grodadh tha seillean a gabhail fasgadh innte an ordugh obrach. Cha ’n ’eil tuathanach gun ’bheag no mhor de sgeap aige airson mil da theaghlach agus ri reic. Tha e car duilich mil a chosnadh. Aon doigh a tha cumanta na seillein a mharbhadh le bhi losgadh pronnusg fodhpa. Tha sin na obair a tha car bruideil. Ach ma tha iad tric air an spuilleadh tha na seillein a fas cho borb ’s nach urrainnear tighinn fagus daibh, agus theid a reisd an doigh mharbhteach ud a chuir an geill. Mur d’ theid an doigh sin a ghabhail cuiridh luchd-spuillidh aodach srol timchioll an cinn agus an aodainn aca airson dion. Tha cuid de dhaoine theid nam measg ’sa ni an nead a spuilleadh gun seillean buntainn daibh. Cha ’n ’eil nead na seillean cho pailt bho chionn beagan bhliadhnaichean; bha teine mor ann a sgrios astar coille, ’s cha ’n ’eil fasgadh aca. Tha h-uile tuathanach a cumail aireamh bheag no mhor sgeap, tha bocsa air a chur an òrdugh ’s air a chur fo chraobh an aite fasgach far am bi pailteas do lusan blath agus barr-guc. Tha iomadh teaghlach bochd a fhuair furtachd bho bhi togail meala; nuair a bhitheas iad gun airgiod agus ann an gainne beannaichidh iad an uair a thainig iad gu “tir a ghealaidh.” Bithidh moran de thuathanaich a togail meala air son feille, ach tha nis a phris cho beag ’s nach fhiach e an t-saothair—cha ’n ’eil oirre ach mu thri sgillinn am punnd. Tha rithist an siucar cho saor. Theid a mhil a chosnadh (no spuilleadh) eadar a bhliadhn’ ur agus am Màrt. Bidh mu leth-cheud punnd de mhil anns a h-uile bocsa glan bho cheir. Tha iad furasda ’n dealachadh; le beagan teas tha cheir a leaghadh agus ’g eiridh air uachdar na meala, oir tha i na ’s aotruime. Theid an sin a cheir a thogail le slige chreacainn, ’s a cuir na mulachaig (mar chaise no geir). Tha pris mhath air a cheir, mu ochd sgillinn am punnd. Tha dotairean a cuir feum air a cheir air son ungadh agus sabh. Tha moran dhith a dol do Shina far am bheil iad a deanamh sliob-oladh dhith. Tha iad a’ faighinn chraobh anns am bi eadar da cheud agus uairean tri cheud punnd eadar mil agus ceir. Tha anns a h-uile sgeap tri seorsa seillean—a bhan-righ, na seilleinean diomhain, agus a chuid eile an luchd-obrach. Tha iad a sgaradh mu ’n Mhàrt ’nuair tha iad a falbh air son aite eile; ’s docha leotha craobh na aite fasgadh sam bith. Feumaidh a’ bhan-righ bhi nan cois. Tha iad a leantuinn dluth rithe ’h-uìle car tha i ’siubhal. Thachair mi tric air sgaoth de na seillein air astar. Feumaidh neach a bhi faicilleach nach laidh a bhan-righ air; laighidh a h-uile seillein tha anns a sgaoth cho dluth ’sa ghabhas aice, agus muchaidh iad duine gu bàs. Tha cunntas air a (Air a leantuinn air taobh 112). AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 109] [Vol. 9. No. 14. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha coinneamh aig Sir Tearlach Tupper ann an Sidni Tuath oidhche Di-màirt agus ann an Sydney Mines oidhche Di-ciaduin. Am bheil thu dol a dh’ fhaighinn fear-gabhail ùr no dha do ’n MHAC-TALLA air an fhoghar so? Ma tha bidh tu cuideachadh le cainnt do mhàthar a chumail suas. Chaochail an t-Onorach Mr. Marchand, priomhair Chuebec, air a choigeamh latha fichead de September. Bha e tri fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Bha e ’na bhall de’n phàrlamaid o’n bhliadhna 1867, agus fhuair e bhi ’na phriomhair ’sa bhliadhna 1897. Chaidh an t-Eadailteach air an d’ thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh aithneachadh le piuthar na mnatha aige. Tha e nise dearbhte gur h-e ’n duine a bha luchd-ceartais Holyoke ag iarraidh, agus bidh e air a thoirt air falbh cho luath ’sa bhios cead air fhaotainn o’n ard-riaghladh. Tha cùisean ann an Galveston a’ dol gu math na’s fhearr. Tha an àireamh a’s motha de na mairbh air an tiodhlacadh no air an losgadh, agus tha obair us ceannachd air tòiseachadh. Thatar a’ meas gu’n cum e ceithir mile duine trang fad mios a reiteach air falbh nan droighnichean a dh’ fhàg an stoirm air feadh a bhaile. Mharbhadh Iain Mac Fhionghain, mac do Dhomhnull Mac Fhionghain, a mhuinntir Grand Mira, ann am mèinn Chaledonia, air a cheud latha dhe’n mhios so, le torr guail a thuiteam air. Bha e a draibheadh aig an àm agus thatar a deanamh a mach gu’n do bhual an tuba ann am fear dhe na puist. Dh’fhuasgail so an gual, a thuit na thòrr air a mhuin ga mharbhadh air ball. Bha e fichead bliadhna ’dh’ aois agus gle mheasail aig na h-uile. Tha mu cheud gu leth duine dhe’n cheud reiseimeid a chuir Canada do’n Transbhaal air an turus dhachaidh. Dh’ fhàg iad Pretoria toiseach na seachdain s’a chaidh. Tha an ùine dh’aontaich iad fuireach san arm suas. Chuir a chuid eile dhe’n reisimeid rompa fuireach gus an cuirte crioch air a chogadh, ’s cha chum sin iad fad air deireadh air càch. Bidh duil ris an t-soitheach air am bheil iad ann a Halifacs mu’n cheathramh latha fichead dhe’n mhios so. Chaidh suim airgid ($85.00) a ghoid á pocaid fir Beckwith ann an aon de thaighean-osda a bhaile o chionn che-la-deug. Bha dorus an t-seòmar chadail gun ghlasadh re na h-oidhche agus bha e smaoineachadh gu ’m b’e cuid-eigin a thainig a stigh a rinn a mheairle; ach toiseach na seachdain s’a chaidh chaidh amharus a leagail air fear Smith, a bha ’cadal còmhla ris. Dh’ fheuch am fear sin ri teicheadh Di-ciaduin; dh’ fhalbh e air an tréin mhaidne, ach chaidh a ghlacadh aig Point Tupper ’sa thoirt air ais do Shidni far an deach a chur do’n phriosan a dh’ fheitheamh na cùrtach. Chaidh a thoirt gu cùirt toiseach na seachdain so ach cha robh dearbhadh gu leòr na aghaidh, agus chaidh a leigeil m’a sgaoil. Tha coinneamh gu bhi aig na liberals anns a’ bhaile Di-màirt s’a tighinn, air son an daoine ainmeachadh gu ruith anns an t-siorrachd so air son na h-àrd phàrlamaid. O CHIONN TRI FICHEAD BLIADHNA.—An sgeul ur a tha gu tòiseachadh anns a MHAC-TALLA. Mur eil thu ’nad fhear-gabhail cheana cuir ga iarraidh gun dàil a chum gu faigh thu cothrom air an sgeul so a leughadh. Tha Mr. A. G. Domhnullach, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean ’na Oilear anns an Normal School an Truro, an deigh an dreuchd sin a leigeadh naithe. Tha J. Alphonse Benoit, B. A., air a chur ’na àite. Tha Mr. Domhnullach gu bhi ’na fhear-ceasnachaidh nan sgoilean ann an siorrachd Antigonish. Tha riaghladh na h-Olaint an deigh long-chogaidh a thairgse do Chrugar gus a thoirt dh’ an Roinn Eòrpa. Gheall an Riaghladh Breatunnach nach cuirte dragh sam bith air an luing air a turas, agus mar sin faodaidh am bodach mor tir a shinnsir a ruigheachd gun eagal romh nàmhaid a’s marbhtiche na ’n tinneas-mara. Dh’ fheuch fear Robert Richards, a mhuinntir Charlottetown ri e fhein a bhàthadh anns a bhaile so, oidhche Di-màirt. Leum e dh’ ann uisge ann a Wentworth Creek a chunnacas e, agus fhuaireadh g’a ionnsuidh mu’n robh e fad ann, ’s bha e air a shàbhaladh. Tha e a’ saoirsneachd anns a’ bhaile o chionn dha no tri mhiosan. Cha’n eil fhios ciod a thug air feuchainn ri crioch a chur air fhéin. Tha an t-Urr. Seumas Quinan, sagart paraiste Shidni a leigeil dheth a pharaisde mu mheadhon a mhios so. Tha Maighstir Quinan a saoithreachadh ann an Sidni o chionn còrr us leth cheud bliadhna, agus tha ceangal mor aig muinntir a pharaiste ris; tha ’n aois a nise tromachadh air, agus cha’n urrainn dha an obair a chumail air adhart. Tha e ’na dhuine air am bheil meas mor anns a bhaile agus anns gach àite ’sam beil eòlas air. Tha an t-Urr. D. M. Mac Eamuinn, a bha roimhe so ’na oilear ann an Colaiste Naomh Francis Xavier, agus a tha aig an àm so na shagart paraiste am Pomquet gu bhi air a chur an àite Mhaighstir Quinan. Mu mheadhon na seachdain s’a chaidh, dh’ fhosgail fear M. T. Mac Aidh tigh-oil air aon de na sràidean a tha air an ùr-fhosgladh aig Whitney Pier. An latha thòisich e air deanamh gnothnich, chruinnich mu cheud gu leth de mhuinntir an àite ann an tigh faisg air, agus chuir iad teachdairean ’ga ionnsuidh ag àithne dha sgur a chreic ’sa bhi fàgail an àite. Air dha fhaicinn gu robh iad a cheart da-rireadh, rinn e sin agus gus nach biodh leisgeul sam bith aige gu tilleadh, chaidh an tigh ’sa chriomag fhearainn air an robh e a cheannach naithe le Ailean Mac Leoid, fear de cheannardan na buidhne. Tha ’n gnothuch so gle chreideasach do mhuinntir a Phier, agus tha dòchas againn gu’m buanaich iad anns an deagh obair, agus nach fuiling iad do dhuine sam bith, ùr no sean, coigreach no eile bhi creic stuth làidir nam measg. Stor nan Sutharlanach an stor a’s fhearr an Sidni air son Caiseart agus Aodaich. Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7.20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7.20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein. DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw,” LEATHAR UILE, air $1.15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1.40. H. H. Sutherland & Co. An Stor Thormaid Dhomhnullaich. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN Dec 8, ’99,—1yr. [TD 110] [Vol. 9. No. 14. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 107.) nach a dhol air aghaidh gun mhaille rathad Lunnainn, gun robh e làn-chinnteach gun éireadh pailteas dhaoine leis anns gach ceum de ’n t-slighe mar bhiodh e triall. Thuirt e mar an cianda gun robh e cinnteach gun tigeadh feachd lionmhor na chomhail as an Fhràing mu’n rachadh e n’a b’ fhaide air aghaidh. Mar so cho-eignich e na cinn-feadhna gu dhol air an adhart ged nach robh bheag a dhòchas aig cuid aca air buaidh a’ chosnadh. Aig an àm so ghlac lag-mhisneach cuid dheth na daoine, air dhaibh cuimhneachadh air an drid-fhortan a thainig an caramh nan Gàel ann am Preston bliadhna Sliabh an t-Siorraim 1715, agus thuirt cuid aca gun robh eagal orra nach rachadh iad gu bràch n’a b’ fhaid’ air an aghaidh. A chum bristeadh air na geasan sin, chaidh Morair Seòras Moireach thar Abhainn Ribhle le àireamh lionmhor dheth an fheachd, agus thug e orra an cairtealan òidhche a chuir suas ann an sin. (Ri leantuinn.) AN T-EILEAN SGIATHANACH. (Air a leantuinn.) (Highland News.) Tha sinn a nis air teachd gu Aird a’ Chòmhraig. Is e so an rudha o ’m biodh dream a gabhail an aiseig thar an locha, a null do Dhunbheagain. Tha Aird a’ Chòmhraig air taobh an iar an locha, mu choinneimh a chaisteil, agus tha’n àird sin—Aird a Chòmhraig a’ cumail air chuimhne a bhatail ghuinich a chuireadh an sin. Cha ’n eil e cinnteach co ’n linn anns an tugadh am blàr so. Is e mo bheachd fein gur an an uair an bha Clann Raonail Uist agus Mhùideart a cogadh ris na Leodaich, a chuireadh e. Tha a’ bheinn ris an abrar fathast “Beinn na Creiche” mu thuairim dà mhile o Aird a Chòmhraig, agus tha guala a bhasraidh, no bhusruidh, mu mhile o Aird a Chòmhraig. Tha na tri àitean so Aird a Chomhraig (head-land of ihe conflict), Guala a Bhasraidh (shoulder or hill of hand-clapping), agus “Beinn na Creiche (hill of the prey or spoil), a nochdadh nach nì faoin a bha anns a chath a chuireadh an sin. Chitheadh na mnathan agus a chlann a thigeadh a nall á Gleanndail, sealladh thar guala a Bhasraidh de ’n chath agus bhuaileadh iad làmhan a’ gùl; no le gàirdeachas, m’ a fhuair na fir aca ’bhuaidh. Ach tha basradh, no bàs-bhualadh gu tric an co-cheangal ri gal le doilgheas. Mu’n d’ rinneadh an rathad bhiodh muinntir Ghleann-dail a’ gabhail an aithghearr thàr guala a Bhasruidh, agus chitheadh iad am batal air a chur shios fodhpa air a chòmhnard. Agus cha ’n fhaiceadh iad sealladh dheth gus an tigeadh iad gu guala na beinne so. Is maith a dh’ fhaoidte gu’n deach an cath so a’ chur ni bu tràithe na ’n còigeamh ceud diag linn; ach tha e fior gu robh na Leòdaich, agus Clann Raonail ’s an am ud a mach air a cheile. Thigeadh iad a stigh a Uist a deas gu grad le ’m birlinnibh, agus thogadh iad creach, n’am b’urrainn iad. Tha ’m mallachadh a rinn muinntir na dùthcha so air Clann Raonail an uair a dh’ fhalbh iad an déigh am blàr guilbheach so a chur, fathast air a chumail air chuimhne:— “Gaoth an iar-dheas ’chum na Féiste Leam cha mhiste. Clann Raonail air bhòrdaibh briste, Sgioba fann frionasach, gun urram fir d’a chéile. Luchd de bharrailibh falamha, Agus tuim gu totaichibh.” B’ eagalach a bhi air muir ’san staid sin. Tha ’m bealach a ta eadar an dà bheinn mu ’n teid neach a stigh do Ghleanndail ni éigin domhain. Is anns a bhealach sin a chruinnich gillean òga Ghleanndail air son ionnsuidh a thoirt air gillean gorma nam bataichean goirid, agus nam putain, aig am strìth an fhearrainn. Chruinnich na caileagan laghach dileas, mòran de chlachaibh do na fir air son am bualadh air na gaisgeich ud. Cha robh tuille armachd aca. Ach n’am biodh iad air am fòghlum ri airm-chogaidh a ’laimhseachadh, cha seasadh na “Boers” fada dhaibh, ach iad a dhol a null. Bha ’m bealach so freagarrach gu leor, ach cha tàinig na gillean gorma air an adhart, agus bha e cho maith. Thainig na saighdearan dearga air adhart an òrdugh cogaidh (skirmishing order). Thàinig iad a steach do ’n ghleann ‘nan tri buidhnibh-aon bhuidhean radhad a bhraighe Cholboist agus an treas buidheann radhad Blàr an Dorain. Choinnich iad a chéile aig drochaid Ghleanndail. Cha tug aon namhaid ionnsuidh orra an sin. Dh’ fhalbh an là anns an deanadh iad sin. Chaidh na h-airm chogaidh a thoirmeasg do na Gaidheil an déigh na comhstrith a bh’ aca mu thimchioll Phrionnsa Teàrlach. Is e ni cho mòr ’sa ta’ cur iongantais orm ni a chuala mi an uair a bha mi òg, agus a thachair ceithir fichead agus a naoi, no deich de bhliadhnaibh mu’n do choinnich na saighdearan. Bha duine àraidh ris an abradh iad Tormoid Mac Ruairidh Mhòir ’na sheasamh aig ceann a thighe féin anns an Lephin, tràth ’s a’ mhaduinn agus a ghrian air éirigh. Chunnaic e sealladh de na saighdearaibh a tighinn a stigh do Ghleanndail air na tri bealaich a dh’ ainmaich mi, agus a coinneachadh a chéile anns a’ Ghailanaich, còmhnard a ta ri taobh na drochaid. Cha robh drochaid ann ’san là ud air an amhuinn no iomadh là ’na dhéigh. Nis nam b’e ni a chluinninn a bhi ann an deigh do na saighdearaibh teachd cha chuireadh e ’leithid de dh’ iongantas orm, ach an uair a bha mi ’ga chluinntuinn o m’ òige, tha e cur an tuille ioghnaidh Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 111] [Vol. 9. No. 14. p. 7] orm. Bha mi riamh teagmhach mu nithibh de ’n t-seorsa sin, coltach ri fàistneachd “Choinnich Uidhir.” ’Nuair a sheasas neach air feasgar bòidheach samhraidh air an rathad mhor a’ nochdadh ri Gleanndail, agus a sheallas e ris an iar-thuath, agus a chi e ’ghrian air teachd iosal dlùth air dol fodha, agus a chì e ’n amhuinn ’na sniomhanan a dol tro ’n ghleann cha ’n ’eil mi ’smuainachadh gu’n tug neach riamh buille de ’shùil air sealladh a ’s bòidhche. ’Nuair a nochd Mahomet ri Damascus, agus a dhearc e le ’shuilibh air cho bòidheach àluinn ’sa bha suidheachadh a bhaile sin:—“Cha teid mi steach ann. Cha ’n ’eil sùil agam ach a dhol do aon Phàras.” Thubhairt e sin an uair a chunnaic e mar a bha ’m baile mor sin air a shuidheachadh. Neach ’sam bith a chi Gleanndail ’s an tìm a ta mi ’g radh, aidichidh e gu bheil so fior; ma ’s neach e a ni feum dhe ’shuilibh. (Ri leantuinn.) O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Sgeul ur a tha gu tòiseachadh an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Tha i air a sgriobhadh le “Iain,” ughdar “Taigh na Coille,” “Bean a Mhisgeir,” “Domhull Dona Mac na Bantraich,” agus iomadh sgeul eile a thug mor-thoileachadh do leughadairean a phaipeir roimhe so. Tha daoine ’tha làn chothromach air breith a thoirt ag radh gur i so sgeul a’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. Tha i ’na sgeul a tha da-rireadh taitneach, agus cha bhi aithreachas sam bith orra-san a leughas i. Tha baile Ghalveston ann an suidheachadh. Cha’n eil teagamh sam bith nach bi àireamh nam marbh cho àrd ri coig no sia mile Chaidh suas ri tri mile corp fhaotainn mar tha; tha da mhile duine ag obair a dh’oidhche ’sa latha, ’gan toirt as na draoighnichean, ’s ’gan tiodhlacadh no ’gan losgadh. Tha Union Blend Tea a nise ri faotainn anns gach stor a tha creic ti; stor anns nach fhaighear i, cha’n fhiach i stor a radh rithe. Ceithir seorsachan, 25, 30, 35 us 40 sent am punnd. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. Thachair dithis Eirionnach aig féill; cha ’n fhac’ iad a chéile o chionn àireamh bhliadhnaichean roimhe sin, agus bha moran bruidhneaca ri dheanamh. “Am bheil fhios agad gu bheil mi pòsda,” arsa O’Brian. “Cha ’n eil thusa ’g radh,” area Mulbhànaidh. “Tha,” arsa O’Brian, “agus tha duine cloinne agam; gille mor fallain, agus tha iad ag innse dhomh gu bheil e fuathasach coltach rium fhin.” Sheall Mulbhànaidh air; cha robh O’Brian riamh ainmeil air son a bhriaghachd; agus thuirt e, “O gu de ’n deifir a ni sin on a tha e ’na phaisde fallain. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR, G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 112] [Vol. 9. No. 14. p. 8] (Air a leantuinn o thaobh 108). leithid so ’thachairt. ’Nuair tha na seillein air siubhal mar sin tha doigh air ’n glacadh. Theid aodach geal (comhdach leapa) fhaighinn agus fuaim a dheanamh le glag; tha h-uile h-aon dhiu a laidhe air an aodach. Theid a rithisd an cruinneachadh cuideachd agus ’n cuir ann am bocsaichean, ach feumar aire thoirt gu ’m bi a’ bhan-righ nan cois. Ghabh na seillein seilbh air sabhal ann an sgir Waipu anns an tulchann. Cha b’ urrainnear am faighinn am mach; cha b’ urrainn dol faisg air an t-sabhal. Chum iad seilbh naodh miosan. Mu dheireadh bha aca ri ’n losgadh a mach le toit a dheanamh le losgadh seann aodach. Tha mhil a’s fhearr air a togail bho bhlath na craoibhe pohutukawa—craobh mhor tha fas an cois na mara. Tha ’mhil so a fas geal ’nuair tha e fas sean agus a fas cruaidh mar an ceudna ’sa dol na mhulachag. Bha mi ’bhliadhna thainig mi do ’n dùthaich so air turus astar beag anns an acarsaid so gu àite triuir dhaoin’ òga thog fearann. Thug iad gu caoimhneil domh cuireadh gu biadh maduinn. Cha robh aca ach aran ’us ti gun bhainne. Thog iad air ithe ’s iad a bristeadh mirean bhar mulachag a bha air a bhord. Thog mise an t-aran tioram. Cha robh mi idir ag ithe cho sunndach ’s bu mhath leotha agus thug iad cuireadh dhomh a bhi ’g ithe. “Moran taing dhuibh!” arsa mise, “cha ’n urrainn domh geir ithe!” Ghabh mi naire neo-chumanta. SEILLEIN-CLACHAR. Tha e mu oirleach air fad agus mu ’n aon ghairbhead ri seillein na meala, ach cha ’n ionnan obair dhaibh. Bidh am fear so a marbhadh nan damhan-alluidh; tha e deanamh sin air son biathadh nan seillein og aige agus ’gan greidhadh gus am fas iad laidir. Tha e feitheamh agus a tamh faisg air an lion agus a deanamh fuaim coltach ri cuileig nuair tha i ann an sas. Tha ’n damhan-alluidh nise tighinn a mach agus ni an seillein greim air. Cha ’n ’eil e ’ga mharbhadh gu buileach, tha e ’ga fhagail leth bheo air fheumas fhein. Tha e rithisd a tional creadha agus a deanamh cos na uamh anns am bi e cuir closach nan damhan-alluidh bloigh marbh. Tha ’n cosan creadha mu mheud cno callduinn agus na sreath. Tha h-uile toll ’s aite fosgailte air a lionadh leis na cosan. Ma tha aodach an crochadh ri balla theid iad eadar e ’s am balla, tha na glasan air na dorsan, agus eadar leabhraichean ri balla air an lionadh leis. Cha ’n ’eil fada bho ’n thainig e do ’n duthaich. Chunnaic mi a sabaid e-fein agus an damhan-alluidh agus ’se ’n damhan-alluidh a choisinn. Cha do sheall an seillein co bha aige, agus anns a chabhaig a bh’ air air son a ghlacadh chaidh fillte de ’n lion timchioll air. Ghabh ’n damhan-alluidh cothrom air sin agus gu grad chuir e mu ’n cuairt e gus an robh e mar gum biodh e ann am poca. Chuir e mu ’n cuairt e gus nach robh gluasad ann. Nise thoisich e air tarruinn agus ga bhuaileadh eadar ’n da shuil gus nach robh gluasad ann. Mar thuirt an Caolasach ’nuair a chunnaic e da ròn a sabaid air a chladach, “Tha mu roghainn an uachdar.” KA-TI-PO. So damhan-alluidh, beothach gle bheag a tha gle phuinnseanta, na ’s miosa na beothach sam bith eile ann an New Zealand. Tha e air fhaotainn air na cnuic gainmheich. Ged tha sin pailt mu ’n cuairt dhomh cha ’n fhaca mi aon riamh dhiu. Is tric leis na Maoris a bhi air am bideadh leo, ach cha chuala mi riamh gu ’n tug iad bas. Ged tha sin dona gu leor tha aobhar a bhi ’gan seachnadh. Cha ’n ’eil e ach beagan ni ’s mo na an deargann. Theid aithneachadh le steall dhearg a tha air ’n druim aige. Tha ’n litir so fada gu leor. Tha moran tuilleadh agam ri innse ma bhios ’n comas agam air àm eile. IAIN ROTHACH. Rudha Mhairstean, ’Cheud latha de ’n t-Sultuine, 1900. Iadsan a Phaigh. Cailean Mac Ritchie, Holeb, Maine. Mairi Mhathanach, Harding, Mass. Alasdair Ceamp, Auckland, New Zealand. Iain Rothach, Auckland, New Zealand. Iain Ceamp, Auckland, New Zealand. Bean A. Mhic-a-Phearsain, Grenfell, N. W. T. Domhull I. Domhnullach, Milan, Que. An t-Urr D. Mac Leoid, Milan, Que. C. L. Smith, Milan, Que. Aonghas N. MacAmhlaidh, Steornabhagh, Que. Ailean Domhnullach, Hastings, B. C. Murchadh Mac Leoid, Selkirk, Man. F. A. Gemmel, Selkirk, Man. Padruig Mac-an-t-Saoir, Eilean Phresque, Ont. Iain I. Mac Rath, Baile-Mhartuinn, Ont. Domhull Mac-a-Ghobha, Duntroon, Ont. Bean Andra Shutharlain, Goderich, Ont. Uisdean Mac Colla, Strathroy, Ont. Sine Bhellairs, Springbank, Ont. An t-Urr. I C Mac Ille-mhaoil, Cardigan, E.P.I. Domhnull Beutan, Cardigan, E.P.I. A. D. Mac Leoid, Baiie Shearlot, E. P. I. D. Mac Coinnich, Amhuinn Mhitchell, E. P. I. Domhull Mac Gill-fhaollain, St. George’s, E. P. I. M. D. Mac Cormaic, Launching, E. P. I. Iain Mac Gill-fhaollain, Bridgetown, E. P. I. D. K. Mac Mhuirich, Summerside, E. P. I. Calum Caimbeul, Kinross, E. P. I. Aonghas Mac Neacail, Elliots, E. P. I. Domhull Mac Coinnich, Orwell Cove, E. P. I. Bean Iain Mhic Gilleain, Eilean Phictou, N. S. Iain Mac Ualraig, Argyle, N. S. Iain Sutharlan, Rockland, N. B. An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne. Domhnull Mac Amhlaidh, Reserve Mines. Gilleasbuig Domhnullach, Bridgeport. Alasdair A. Camaran, Bridgeport. A. D. Domhnullach, Beinn nan Sgiathanach. Domhull Mac Fhearghais, Caribou Marsh. Ceit Mhoireastan, an Gut a Tuath. An t-Urr. Uilleam Grannd, Grand River. Iain Camaran. Grand River. D. D. Mac Pharlain, S. W. Margaree. Ceit C. Dhomhnullach, an Bobh a Deas. Bean Iain Mhic Nimhein, Catalone. Iain Moireastan, Enterbhal Framboise. Sim A. Gillios, Broad Cove. Iain F. Siosal, Long Point. Domhnull Mac-Dhuibhi, Glenmoriston. Iain I. Gillios. Meadows. Bean Neill Mhic Leoid, Jubilee. An t-Urr. R. H. Dughallach, South Bay. Raonull Mac Coinnich, Eilean Christmas. Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni. Eos. C. Mac Fhionghain, Meadows. Ceit A. Dhomhnullach, Beinn Ghill-Andrais. Flori Nic Gill-fhinnein, Beinn Ghill-Andrais. Iain Mac Leoid, Beinn nan Sgiathanach. Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien. Tearlach A. Mac Leoid, Framboise Tuath. D. Mac Fhionnlaidh, Iochdar L’Ardoise. Niall I. Mac Neill. Rudha Mhic-Gilliosa. Am Post-mhaighstir, Rathad Shalem. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic m ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 113] [Vol. 9. No. 15. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 12, 1900. No. 15. YUMA. LE DONULL MAC LEOID. Beachdaich le sùil t-inntinn air àite ’sam beil teas laitheal eadar 105 ’us 125° anns an dubhra fad corr ’us ceithir miosan á ceann a cheile. Beachdaich air baile ’sam beil grainne chiadan de thaighean ’s de stòraichean leogach iosal air an togal de chlachan ’s de bhric agus iad gun bhith ach aon stòridh a dh’ àirde, agus porch ròmach air beulaobh gach aon dhiubh agus iad air a sgiotadh air bruach thioram, theth, dhonn-ruadh abhainn shlaodach, chadalach, shalach—far am beil sràidean garbha, cuagach a’ toinneadh suas air cliseach cnoc tioram, lom fuidh na speuran a’s teithe ’s is falamh a chunnaic thu riamh. Sin agad seann bhaile Yùma ann an oisinn an iar-dheas Arisona. Tha e ainmeil mar am baile a’s teithe ’sna Stàidean. Beachdaich a rithist air mìr de dhùthaich mìltean de mhiltean air mheud gun dad ri fhaicinn ann ach gaineamh bhuidhe, cacti eibhinn ’us clachan geala, gun bheinn gun chnoc a’s fhiach a bhi bruidhinn mu’n deighinn—fàsach chianal, oillteil, neo-thorach, fuidh ghrian theinteach—sin a’ seòrsa àite ’sam beil Yùma air a shuidheachadh. Smuainich gu bheil thu fhein á àite fionnar a’ coimhead air baile iomallach air a chlodhadh gu buileach le gathan dealrach na greine, far am beil Innseanaich lachdunn ’us gle bheag eideidh orra nan sineadh ’s iad nan suain chadail air an talamh theth anna mìr sam bith de dhubharachd a gheibh iad, gun neach geal idir ’am fradharc, gun neach ri fhaicinn a’ gluasad ’an àite sam bith, stòraichean dùinte, taighean air an glasadh ’s comhlaichean ris na h-uinneagan, gun fhuaim idir ri chluinntinn ach a mhain sgriamhan nam preasan sage ’s iad air seargadh. Sin mar tha muinntir Yùma a’ cur seachad na h-ùine as deigh mheadhon latha samhraidh. Bho chionn leth-chiad bliadhna bha Yùma air bruach na h-aibhne Colorado ’san taobh an iar-dheas de Arisona fo ’n ainm gur h-e am baile a’s teithe ’sna Staidean. Cha ’n ’eil baile eile ann a tha ’strì ris ’sa’ chuis sin. B’ abhaist do dh’ oifigich an ordachadh gu Fort Yùma, agus bhiodh na saighdearan a’ teicheadh no a desirtadh ás a sin na’s trice na á àite sam bith eile. Faodaidh muinntir nan Staidean an ear a ta gearan air gathan na greine ’sna laithean sa toileachadh fhaotainn bho bhi ’cluinntinn beagan mu theas an t-samhraidh sa chaidh anna Yùma. Cha robh an samhradh so na ’s teithe na samhraidhean eile. Bho Maigh 14 gu Maigh 30 bha an teas a h-uile latha bho 93° gu 101°. Bha seachdain as deigh sin cuitheasach fionnar: cha deacha an t-airgead-beò (mercury) idir os coinn 90°. Bho Iun 7 gu Iun 25 bha an t-airgead-beò air ais ’s air adhart eadar 105° ’us 113°. Chaidh a Solus mor ud thall ’an sin a sàs a cheart da rireadh. Bha na dùin fhàsal ghainmhich air am bruich, bha na cnocan iosal deiseal gu dhol ’nan lasraichean. Fad sia seachdainean cha deach an t-airgead-beò na b’ isle na 102° agus chaidh e an àirde gu 123° dà uair san ùine sin. Bho Iulaidh 3 gu Iulaidh 20 bha an teas a chuid bu trice 115°. ’Sna h-oidhchean dheigheadh an t-airgead-beò a bhàn air a shocair gu 105° mu cheithir uairean ’sa’ mhaduinn. Aig gach eirigh-greine shreapadh an t-airgead-beò a suas gu dichiollach gu trì uairean ’san fheasgar. Tha seachdainean a tighinn a bhios na ’s teithe na sin. An uiridh ’se an latha bu teithe bha anna Yùma Ogust 26: air a’ latha sin shreap an t-airgead-beò suas gu 127°, agus beagan oidhchean cha deacha an toimhsear-teas (thermometer) idir na b’isle na 108°. ’Sann an 1896 a thainig an latha ’s teithe chunnacas riamh anna Yùma. B ’e sin Ogust 16. Sheid gaoth a bha fo leth teth as an fhasach thioram, theth. Eadar bristeadh na faire agus meadhon latha chaidh an t-airgead-beò suas bho 110 gu 128°, agus mu cheithir uairean dheirich e gu 129°. Fhuar moran cloinne bàs aig an àm sin leis an teas. Tha eachdraidh aig Yùma. Bho 1778 ’nuair a chaidh soisgeuleich Spainnteach á Mecsico, an àirde abhainn Cholorado, gu Yùma, tha eachdraidh a bhaile loma làn de sgiorraidhean ’s de sgeulachdan a bheireadh crith air feoil neach. Mhort na Mojaves agus na Cocopahs na soisgeulaich gu brùideal, an-iochdmhor air gainmhich thioram, theth Yùma. Chaidh iomadh blàr fuilteach a chur eadar saighdearan Mhecsico, agus a rithist eadar saighdearan nan Staidean agus na h-Innseanaich mu thimchioll Yùma. Chaidh iomadh teaghlach ’us cuideachd a bha air a’ rathad gu California a mharbhadh faisg air a’ bhaile seo leis na h-Innseanaich. Bu tric a bha na h-oifigich an tòir air robairean ladurna, fiadhaich a bha a’ creach ’sa’ marbhadh dhaoine mu thimchioll Yùma. Deich bliadhna fichead air ais cha robh baile ’san dùthaich anns a’ robh uidhir de ghamblairean ’s de dhaoine cunnairtach eile sa bha anna Yùma. Tha na seann daoine air oirthir a’ Chuain Shitheil fathast ag innse iomadh sgeulachd ’us cuimhneachdan air na doighean fiadhaich, aingidh a chleachd moran de luchd aiteachaidh Yùma mas d’ thainig an t-each iaruinn air an rathad mhor stailuinn a cur stad air a bhith ’tarruing gach biadh ’us bathar air am beil am baile neònach so a cur feum air druim eich ’us mhulaidean agus air an abhainn chiar Colorado. Tha Yùma air a shuidheachadh ann an cuan de ghainmhich Cho fad ’sa’ chi an t-sùil, agus miltean na ’s fhaide, air gach laimh cha ’n ’eil ni sam bith a’ fàs air an talamh neo-thorach troimh am beil an abhainn chadalach Colorado ga slaodadh fhein gu leisg a dh’ionnsuidh bagh Chalifornia. Cha ’n fhaicear ni idir ach cuan mor buiceanach de ghainmhich bhuidhe agus na speuran. Tha moran de sheann bheanntan-teine a chaidh ás bho chionn fhada mun cuairt air Yùma,—cnuic ’us glaicean tioram, neo-thorrach a threig an Cruithfhear—cearna a ta làn de sheallaidhean-meallaidh (mirages)—uamh bheistean ’us biastan snagach a chinneas air talamh fàsail labha ’us alkali us pathadh bàsmhor, far nach fhaicear ni uaine sam bith a’ fàs cho fad sa chi an t-sùil ach a mhain bad de chraobhan cotain biorach leth sheargte aig aitreamh an rathad iaruinn, far am beil grian dhealrach, loisgeach a taomadh a lasraichean a bharr a speuran gun neul gun ghruainn, fad dà uair diag ’sa’ latha, fad mhiosan—far am beil moran le sùilean goirte creuchdach agus feadhann a tha eadhon dall le solus do-fhulangach na greine—far am beil an talamh cho teth ’s gun gann is urrainn daoine geala falbh air mar bith buinn thiugha ris na brogan aca; agus far am basaich crodh righinn, cruadalach nan comhnardan ann am beagan de sheachdainean. Tha fasach na Colorado air a sineadh gus an àirde an iar agus gus an àirde deas. Tha i cho an-iochdmhor ’s nach gabh duine sam bith os laimh a dhol thairis oirre air chois no le carbad-each re miosan an t-samhraidh, agus eadhon ’sa’ gheamraidh tha e air a mheas cunnairtach do neach a dhol air turas thairis oirre mar bith companaich cuide ris agus pailteas de bhiadh ’s de dh’ uisge. Cha ’n ’eil samhradh a dol seachad nach ’eil mèinnadairean tapaidh, misneachdal a’ call am beatha ann an oidheirp a dhol thairis air an fhasach so,—beiridh stoirm gainmhich orra, air neo bidh iad air a’ lagachadh gu bàs le teas ’us pathadh. Air an taobh tuath tha comhnardan mora, bliona, agus cnocan iosal tioram neo-thorach (grunnd gun susbainn) creagan lava agus granite pronn bog,—laraichean seann bheanntan-teine a dh’ fhuaraich bho chionn iomadh linn. Tha a chearna so ag òl suas teas na greine fad a’ latha agus ’ga bhruchdadh a mach fad na h-oidhche. Air an taobh an ear tha muillionaan de dh’ acairean a tha an ire mhath a bhith na fhàsach; far nach fhàs bàrr sam bith mar bi e air uisgeachadh le innleachdan lamhan dhaoine, agus a dh’ aindeoin sin fhein cha bhi a’ fàs ach cuitheasach; agus chithear cnamhan geala dhaoine am measg nan duìn ghainmhich ’s nan cairn chlach a’ togal fianuis oillteil air an oidheirp chruaidh a rinn daoine air seilbh a ghabhal air an fhearann ghraineil so fo speuran an-iochdmhor. Mu chiad mìle mu thimchioll Yùma cha ’n ’eil aona chraobh, no ach fior chorra phreas a’ fàs gu nadurra. Cha ’n ’eil ni sam bith ’sa’ chearna sin a ni am fionnarachd a’s lugha. Cha’n ’eil gaoth ùral a’ seideadh á àite sam bith; cha’n ’eil gaoth bho mhur no bho loch a’ tighinn an drasda ’sa’ rithist gu fuirteachd a thoirt aig deireadh latha goileach; cha’n ’eil beinn na sruth na gleann na eas na coille ann a dh’ ionnsuidh an teid aon air son uiread ’us mionad de fhionnarachd. Tha eadhon abhainn mhall, chadalach a’ Cholorado de’n aon dhath dhuaichnidh ris an fhearann a tha air gach taobh dhi. (Ri leantuinn.) Tha an t-ard-riaghladh an deigh a phàrlamaid a sgaoileadh, agus tha ’n taghadh air son pàrlamaid ùr ri bhi ann air an t-seachdamh latha de Nobhember. Bidh an t-ainmeachadh ann air an latha mu dheireadh dhe ’n mhios so. [TD 114] [Vol. 9. No. 15. p. 2] A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XX. SGRIOB THUN BAILE NA CRAOIBH GHIUBHAIS. Ma ghlasadh nan neul an lath-ar-na-mhaireach, bha gach aon ’s a chaisteal air ghluasad, ag ulluchadh airson triall; agus ’s i a’ Bhan-Iarl’ Amelia agus a bhantighearn og choigreach bu trainge na cach a’ deanamh Màiri deiseil. Bha e na chleachdadh aig Màiri, fhad ’s a bha i fuireach ’an Ichburg, i fhein a’ sgeadachadh coltach ri ban seirbheasaich an Iarla; ged a dh’ fheumadh i ’bhi ’g atharrachadh aodaich o am gu am aig tigh na craobh ghiubhais, gidheadh cha bu toil leatha, seach i bhi ro-chomharraichte, i fhein a sgeudachadh ni b’ fhearr na ’n fheadhainn a bha mu ’n cuairt oirre, agus mar sin bha i aig an am so air a cur suas car coltach ris a chorr de nigheanan na duthcha. Thug a’ bhantighearn’ og, a bha mu ’n aon mheudachd ri Màiri, le cead Amelia, di deise gle bhoidheach a bha beulthaobh ri bi ur, agus a bha freagairt di ro-mhath. Bha e car leisg le Màiri deise cho tlachdmhor a ghabhail bhuaipe. Ach thuirt Amelia: “Cha ’n fhaod sgrubal a bhi ann! feumaidh tu a chuir ort ’s a mhionaid. Tha agad ri fuireach comhla riumsa a nise, mar bhana-charaid ’s mar bhana-chompanach, agus feumaidh tu a bhith air atharrachadh dreasaidh ri nigheanan na dùthcha. A bharrachd air a sin, feumar an t-atharrachadh a dheanamh ann a so, ’s ann a’s lugha a theid de dh’ aire a thoirt da.” Chuidich an da bhantighearn’ og i a’ cuir uimpe a cuid aodaich; thug iad an sin leotha eatorra i, agus threoraich iad i a mach do ’n rùm mhor far an robh am braiceist a nise deiseil. Ghabh iad uile gu leir iongantas ’n uair a mhothaich iad do thri bhantighearnan oga, ach ’n uair a dh’ aithnich iad Màiri, dh’ fhailtich iad i gu cridheil, agus rinn iad co-ghairdeachais rithe airson cho math ’s a bha i ’nise ’coimhead. ’Nuair a bha ’m braiceist seachad chaidh gairm air carbad, agus dh’ fheumadh Màiri suidhe lamh ri Amelia, ma choinneamh an Iarla ’s na Ban-Iarla. Dh’ iarr an t-Iarla cumail rathad Baile na Craoibh Ghiubhais, oir bha toil aige an t-seana charaid choir a bha ann a sin fhaicinn—an fheadhainn sin a ghabh cho caoimhneil ri Màiri ’s ri ’h-athair. Air an rathad dh’ fheoraich e de Mhàiri ma ’n deighinn, agus cha do chum ise am falach air an cor truagh anns an robh iad; agus gur e gle bheag de dh’ uine thoilichte ris am faodadh iad duil a bhi aca tuilleadh, ’n an seann aois. Cha bu bheag an gluasad a chuir fuaim a’ charbaid fo mhuinntir Baile na Craoibh Ghiubhais; chionn cha d’ rainig carbad e, co-dhiu cho eireachdail so, bho ’n a chaidh an caisteal a thogail. Ruith a’ bhean og a mach an coinneamh a charbaid, ’s a h-anail ’na h-uchd. “Feumaidh mi,” thuirt ise rithe fhein, “an tighearn’ og coigreach so, ’sa dha nighinn a chuideachadh a mach as a charbad.” Ach air di a lamh a thairgse do the de na ban-tighearnan oga, mar a shaoil leatha, dh’ aithnich i gu grad gur i Màiri a bh’ aice. “Gu de an deamhan tha so!” ghlaodh ise, ’na doigh ghairg fhein; leig i as lamh Màiri cho ealamh ’s ged a b’ i nathair a bhean di, leum i deich ceumannan air ais, agus dh’ fhas i bàn ’us dearg ma seach. Bha ’n seann tuathanach ag obair anns a’ ghàradh. Chaidh Amelia ’s a mathair far an robh e, shìn iad an lamhan a mach thuige ’chuir failte air, mhol iad a mhathas ri Màiri ’s ri ’h-athair, agus thug iad taing dha anns an doigh bu chaoimhneile. “Ah! chuir mise barrachd chomain airsan ’s a chuir esan riamh ormsa,” ars’ an seann duine coir. “Thainig moran sonais air mo thaigh ri linn; agus na ’n do ghabh mi daonnan a chomhairle, bha mi gu math na b’ fhearr dheth an diugh. Bho ’n a chaochail e cha ’n ’eil de thoileachadh agam ach na gheibh mi ann an so ’sa ghàradh. Agus ’s ann air a’ chomhairle ghlic a dh’ fhaodas mi a thaing a thoirt gu ’n a chum mi am mir fearainn so dhomh fhin, cho math ris an doigh cheart air oibreachadh. Bithidh mi ruamhar ann a’ so, oir tha ’n crann a nise tuilleadh a’s trom air mo shon; agus bithidh mi ag iarraidh am measg na luibh ’s nam flurs an toilinntinn sin nach fhaigh mi ’n am thaigh fhein ni ’s fhaide.” Anns a’ cheart am fhuair Màiri far an robh an t-seana bhean ’s a’ rùm bheag, agus threoraich i a mach i air laimh, agus thuirt i rithe gu ’n eagal a bhi oirre. Bha a’ bhean choirt air chrith ’s ann an geilt a’ dol far an robh iad, oir cha robh i, ma dh’ fhaoidte, a bruidhinn ri feadhainn cho urramach riutha so riamh. Fhuair ise, cuideachd, moran taing ’us molaidh air son a mathais ri Màiri ’us Iacob. Bha an t-seana charaid choir air a nàrachadh, agus ghuil iad mar gu ’m bitheadh clann bheag ann. “Nach d’ thubhairt mi,” ars’ an seann duine ri Màiri, “gu ’m faigheadh tu duais airson a’ churam a bh’ agad dhe d’ athair? Seall a nise, tha m’ fhaidheachd air a coimhlionadh.” Agus air do ’n t-seann bhean misneach a’ ghabhail, rug i air aodach Màiri eadar a meoirean agus thubhairt i: “Bha, bha d’ athair gle cheart ’nuair a thuirt e, ‘Esan tha sgeudachadh nam flùrs, gabhaidh e curam dhiotsa.’” Anns a’ cheart am, bha a’ bhean og ’an cuil, ag rathainn rithe fhein: “Hum! hum! Gu de nach faic a’ neach a bhios fada beò! Tha nighean na deirce air fas na bean-uasal. Co ’shaoileadh? Cha ’n ’eil a chridh’ aig a h-aon againne seasamh lamh rithe a nise. Ach tha fios againn ro-mhath air feasgar an de gu’n deach i sios an rathad agus pasgan fo h-achlais, a’ baigearachd a cùrsa feadh an t-saoghail.” Cha chual’ an t-Iarla na facail so; bha gu leor leis a bhi coimhead an coltas dona, farmadach a bh’ air an aodann aice. “’S e creutair deisinneach a tha sud,” ars’ esan ris fhein; agus ghabh e gu glic cuairt air feadh a’ ghàraidh.” “Eisd rium, a dheagh charaide,” ars’ esan ris an t-seann-duine, “tha mi dol a thoirt tairgse dhuit Tha mis’ an deigh an taigh beag ’s an gàradh a th’ ann an Ichburg, ’s a bha greis aig a h-athair, a thoirt do Mhàiri. Ach cha ’n ’eil feum aig Màiri air tigh ann fhathast. Saol nach freagradh e oirbhse gu dol a dh’ fhuireach ann? Fhreagradh e direach oirbh, ’s tha mi gle chinnteach nach bitheadh Màiri ag iarraidh màil oirbh ann. Thogadh sibh ’an sud flùrs is gnothuichean gàraidh gu ’r miann, agus ’nad thaigh fhein gheibh thu sith us socair inntinn ’nad shean aois. Dh’ aslaich a Bhan-Iarla, Amelia, agus Màiri air an t-seana charaid gabhail ris na cumhnantan so, ach cha robh moran tabhunn ri dheanamh, bha e cho toilichte as an tairgse ’s ged a b’ ann a’ faighinn a mach as an droch-aite a bhitheadh iad. Aig a’ cheart àm so thill mac an tuathanaich as an achadh, chionn bha e ro gheur airson fhaighinn a mach gu de bho ’n t-saoghal a bha ’n carbad le ’cheithir eich bhriagha, ghlasa ’deanamh aig a dhorus. ’N uair a chual e ’m bargan a chaidh a dheanamh, cha do chuir e mir ’na aghaidh, ged a bha e duilich a bhi dealachadh ri sheana phàrantan. Ach ’s e bu mhotha bha cur air iad a bhi air an ruigheachd cho mor so le bean am mic fhein; agus bha e lan chinnteach gu ’m bitheadh iad ni bu toilichte a nise. Airson a mhnatha, bha i ’g oibreachadh le da laimh, mar gu ’m b’ eadh, gus an t-seana charaid fhaighinn a mach as an taigh. Bha i ’toirt ionnsuidh air a bhi fuathasach modhail, agus air di Màiri a chluinntinn ag raitinn, ur morachd ris an Iarla, thubhairt i: “’S e fabhar mor, gun teagamh, tha ur morachd a deanamh ruinne. Bhiodh e mi-chiatach mar a gabhadhmaid ris an deagh thairgse! Is e àird a mhi-mhodh a bhiodh ann, agus shaoileadh ur morachd gu ’n robh sinne cho gann de mhodh ri maide daraich. Gun teagamh, cha chualas gnothuch cho sealbhach so riamh roimhe.” “Tha mi ro-thoilichte,” ars’ a companach, “gu ’n d’ thug thu fanear e; bha mi daonnan ag raitinn gu ’n d’ thugadh a bhi caoimhneil ri seann sluagh math, onarach, sealbh ’us beannachd Dhé air taigh; ach cha chreideadh tus’ e. Tha thu nise faicinn gu ’n robh mi ceart.” Dh’ fhas a bhean cho dearg ri giomach leis an fheirg. An lathair choigreach cha ro math di sin a shealltuinn le briathran; ach sheall i air cho guineach ’s gu ’n saoileadh tu gu ’n cuireadh i a suilean roimhe. Thuirt an t-Iarla gu ’n cuireadh e fios air an t-seann fheadhainn cho luath ’s a gheibheadh iad gach ni deiseil. An sin chaidh e fhein ’s an comhlan a bha maille ris ’sa charbad agus ghluais iad air falbh. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. VII. An ceann beagan laithean leig righ Saleh ris do righ Phersia nach robh ni bu taitniche leis fhein, le mhathair, agus leis na bana-phrionnsachan a thainig maille riutha as a’ chuan na fuireach fad uile laithean am beatha anns an luchairt maille ris. Ach o ’n a bha iad uine cho fada air falbh as an rioghachd fhein, far an robh iomadh gnothach cudthromach aca ri dheanamh, ghuidh e air nach biodh diumbadh sam bith aig’ air, ged a ghrad fhalbhadh e air ais d’a rioghachd fhein. Thuirt righ Phersia ris, gu ’n robh e gle dhuilich nach robh e an comas dha taghal air ’na rioghachd fhein; “Ach,” ars’ esan, “o ’n a tha mi lan chinnteach nach dichuimhnich sibh banrigh Gulnara, ach gu ’n tig sibh g’ a faicinn an drasta ’s a’ rithist, tha dochas agam gu ’m faic mi rithist sibh.” Bha iad deurach, bronach taobh air thaobh an àm dhaibh a bhith ’dealachadh. Dh’ fhalbh righ Saleh an toiseach; ach is gann gu ’n leigeadh banrigh Gulnara air falbh a mathair agus na bana-phrionnsachan as a lamhan idir. Cha robh a’ chuideachd rioghail fada air falbh an uair a thuirt righ Phersia ri Gulnara. “A bhaintighearna, na ’n innseadh dnine sam bith dhomh mu dheidhinn nan nithean ro iongantach a chunnaic ’s a chuala mi o ’n a thainig an teaghlach ainmeil do ’m buin thu a dh’ ionnsuidh an taighe so, cha b’ urrainn domh geill no creideas a thoirt dha. Ach o ’n a bha mi fhin ’nam shuil-fhianuis air, cha b’ urrainn domh gun a chreidsinn. Bithidh cuimhne agam air ri mo bheo. Agus cha stad mi gu brath a thoirt taing do ’n fhreasdal a chuir thusa ’na m’ rathad.” Bha Beder am prionns’ og air ’arach agus air ’fhoghlum anns an luch- [TD 115] [Vol. 9. No. 15. p. 3] airt fo churam athar ’s a mhathar. Dh’ fhas e suas ann an neart agus ann am maise air a leithid de dhoigh ’s gu ’n d’ thug e mor thoileachadh d’ a mhathair. Mar a bha e fas ann an laithean ’s ann am bliadhnachan, bha e ’toirt an tuilleadh ’s an tuilleadh toileachaidh dhaibh; oir bha e’n comhnuidh sunndach, tlachdmhor na uile dhoighean,agus deadh-chainnteach geur-chuiseach ’na uile chomhradh. Agus thug so am barrachd toileachaidh dhaibh a chionn gu ’n robh righ Saleh, a sheanamhair, agus na bana-phrionnsachan oga ’tighinn o àm gu àm g’ a fhaicinn. Bha e anabarrach furasda ri foghlum a chur ann, agus thainig e ann an uine ghoirid anabarrach math air aghart anns gach ealann agus eolas a bha air an teagasg dha. An uair a rainig e aois choig bliadhna deug, bha e anns gach doigh pailt na b’ fhoghluimte ’s na b’ fhiosraiche na h-aon dhe na daoine a bha ’g a theagasg. A bharrachd air so, bha e anabarrach glic, turail. Thug ’athair an aire gu ’n robh na talantan mora so air am buileachadh air, agus gu ’n robh e anns gach doigh a’ nochdadh gu ’m biodh e ’na dheadh righ. O ’n a bha e fhein a’ faireachadh anmhuinneachd na h-aoise a’ tighinn air, chuir e roimhe gu ’n leigeadh e dheth curam agus uallach na rioghachd, agus gu ’n suidhicheadh e a mhac ’na aite fhein air a’ chathair rioghail mu ’m faigheadh e fhein am bas. Dh’ aontaich ard-chomhairle na rioghachd gu ’n deanteadh mar a bha ’n righ a’ runachadh. An uair a chuala sluagh na rioghachd mar a bha cuisean air thuar a bhith, bha iad gu leir anabarrach toilichte; oir thuig iad gu math gu ’m biodh Beder ’na righ cho cothromach ’s a bha riamh a’ riaghladh anns an rioghachd. A dh’ aon fhacal, o’ nach robh an righ car uine mhath comasach air a dhol an lathair an t-sluaigh ach uair gle ainneamh, fhuair iad cothrom air faicinn nach robh Beder aon chuid a’ deanamh tair orra, agus nach mo a bha e uaibhreach, no crosda, no ag amharc air an t-sluagh le dimeas agus suarachas, mar is minic a bha prionnsachan dhe ’sheorsa a’ deanamh. An aite so, is ann a bha iad a’ faicinn gu ’n robh e gle iriosal, caoimhneil, cairdeil ris na h-uile dhaoine, agus gu ’m faodadh duine sam bith a dhol a bhruidhinn ris; gu ’n tugadh e eisdeachd agus freagradh dhaibh ann an doigh a bha ro thlachdmhor; agus nach do dhiult e riamh ceartas a dheanamh eadar duine is duine. Shuidhicheadh latha anns am biodh Beder air a chrunadh ’na righ. Bha aireamh ro mhor de shluagh cruinn. Bha righ Phersia ’na shuidhe air an righ-chathair; agus thainig e nuas bhar na cathrach, agus thug e an crun bhar a chinn, agus chuir e air ceann Bheder e; agus an uair a thug e air suidhe air an righ-chathair ’na aite fhein, thug e pog dha laimh mar chomharradh gu ’n robh e ’toirt dha, ann an lathair an t-sluaigh, gach cumhachd is ughdarras a bh’ aige fhein os cionn na rioghachd. Agus an uair a rinn e so, sheas e am measg nan comhairleach agus nan oifigeach a bha air beulaobh na cathrach. ’Na dheigh sin thainig fear an deigh fir dhe na comhairlich agus dhe na h-oifigich, agus thug iad am mionnan gu ’m biodh iad dileas do ’n righ agus do ’n rioghachd, agus iad ’nan sineadh air an lar aig casan an righ. An deigh do na nithean so a bhith seachad, thug an t-ard-chomhairleach caochladh de gnothaichean cudthromach fa chomhair na comhairle, agus thug an righ og breith orra le gliocas is tuigse a chuir ioghnadh air na comhairlich gu leir. ’Na dheigh sin thug e fa near na comhairlich nach robh a’ riaghladh gu ceart a chur as an dreuchd, agus na comhairlich a bha freagarrach a chur ’nan aite. Thug an doigh anns an d’ rinn e so toileachadh mor do ’n t-sluagh gu leir. An uair a bha obair an latha seachad, chaidh e fhein is ’athair do ’n t-seomar anns an robh ’mhathair. Cha bu luaithe a chunnaic a mhathair e agus an crun rioghail air a cheann na ruith i ’na choinneamh. Rug i air ’na gairdeanan, agus ghuidh i gu ’m faigheadh e saoghal fada, agus soirbheachadh mor. A’ cheud bhliadhna dhe ’rioghachadh rinn righ Beder a ghnothach mar righ ann an doigh a bha taitneach dha fhein agus do ’n t-sluagh gu leir. Os cionn gach ni, thug e an aire gu ’m biodh fios aige air an staid anns an robh gach gnothach a bhuinneadh dha fhein, agus air gach ni a thigeadh a chum math an t-sluaigh. Air an ath bhliadhna dh’ fhag e riaghladh na rioghachd an earbsa ri ’athair agus ris an luchd-chomhairle, agus dh’ fhalbh e as a’ cheanna-bhaile, a leigeadh air gur ann a’ dol a shealgairachd a bha e. Ach is e bha ’na aire a dhol air feadh gach earrann de ’n rioghachd, a chum gu ’n cuireadh e ceart gach cuis a bhiodh cearr, a chum lagh is ordugh ceart a chur air an cois anns gach aite, agus gach prionnsa a bha ’cumail criche ris a chumail ’nan aite fhein air eagal gu ’n tugadh a h-aon dhiubh ionnsuidh air dragh a chur air fhein no air a shluagh. Chaidh bliadhna seachad mu ’n d’ fhuair an righ og crioch a chur air an obair mhath so a chuir e roimhe ’dheanamh. Cha robh e fad’ air tilleadh dhachaidh an uair a bhuaileadh as ’athair le galair a bhais, agus thuig e gu math gu ’n robh ceann a shaoghail dluth dha. Bha e gu foighidneach seimh a’ feitheamh ris a’ chrich, agus b’ e an aon rud a bha togail ’aire anns na laithean deireannach a bhith ’comhairleachadh do mhaithean na cuirte, agus do luchd-riaghlaidh eile na rioghachd, cumail gu dluth ris na boidean a thug iad gu ’m biodh iad dileas do ’n righ og an latha chrunadh e. Thug iad uile le ’n lan thoil boidean as ur gu ’m biodh iad dileas gu bas do ’n righ og. Mu dheireadh dh’ eug an seann righ. Agus bha righ Beder agus a’ bhanrigh Gulnara fo thuirse ’s fo throm bhron ’g a ionndrainn. Chuireadh a chorp ann an uaigh a bha ro mhaiseach mar a bha dligheach a dheanamh ri leithid. An deigh do ’n adhlacadh a dhol seachad, rinn righ Beder caoidh air son ’athar fad mhios, agus cha deachaidh e mach air dorus fad na h-uine. B’e so an cleachdadh a bh’ ann am Persia ’s an àm ud. Bhiodh e ’caoidh ’athar fad uile laithean a bheatha nan do leig e leis a’ bhron laidhe gu trom air, agus nam boidh e ceart dha mar phrionnsa mor a leithid a dheanamh. Anns an am thainig a sheanamhair, righ Saleh, agus na bana-phrionnsachan eile do ’n luchairt, agus thug iad uine mhath air caoidh maille riutha mu ’n do thoisich iad ri comhfhurtachd a thoirt dhaibh. An uair a chaidh ceann a’ mhios seachad, dh’ fheumadh an righ leigeadh leis an ard-chomhairleach agus leis a’ chuid eile de mhaithean na cuirte tighinn ’na lathair. Ghuidh iad air sgur de bhron, agus a dhol am mach am measg an t-sluaigh mar bu ghnath leis, agus pairt a ghabhail anns gach gnothach a bhuineadh do riaghladh na rioghachd mar a b’ abhaist dha. Cha robh e an toiseach deonach so a dheanamh, agus b’ fheudar do ’n ard-chomhairleach bruidhinn ris mar so: “Mo thighearna, is gann a ruigear a leas innseadh do bhur morachd gur ann aig boirionnaich a tha e mar chleachdadh a bhith ’cumail suas a’ bhroin tuilleadh is fada. Tha sinn cinnteach nach ’eil a run oirbh eisimpleir nam boirionnach a leantuinn. Cha toir ar deoir-ne no bhur deoir-sa beo bhur n-athair, ged a bhiomaid ’g a chaoidh gu lath ar bais. Bha aige ri dhol thun a’ bhais mar a bh’ aig daoine eile. Gidheadh, is gann is urrainn duinn a radh gu ’m bheil e marbh o ’n a tha sinn ann an tomhas a’ faicinn a choltais annaibh fhein. Cha robh teagamh aige fhein, an uair a bha e ’dol thun a’ bhais, nach biodh e air ath-bheothachadh annaibhse; agus is ann aig bhur morachd a tha e ri dhearbhadh nach robh e air a mhealladh.” Cha robh e ’n comas do righ Beder cur an aghaidh nam briathran a labhair an t-ard-chomhairleach ris. Ghrad chuir e dheth an t-eideadh-broin a bha uime; agus, an deigh dha an trusgan rioghail a chur uime, thoisich e ri amharc an deigh gnothaichean na rioghachd mar a bha e ’deancmh mu ’n do dh’ eug ’athair. Bha gach aon toilichte leis an doigh anns an robh e dol an ceann a ghnothaich. Agus o ’n a bha e ’deanamh gach ni mar bu ghnath le ’athair a dheanamh, cha d’ aithnich an sluagh gu ’n robh atharrachadh righ orra. (Ri leantuinn.) AN T-EILEAN SGIATHANACH. (Air a leantuinn.) Highland News.) Is e Gleandail aon de na ceithir ghlinn a b’ fhearr a fhuair a “Ghlasgbobhar”—a ghobhar a bha cumail bainne ris an Fheinn. Thug a’ ghobhar sin an t-urram air son feuraich do “Ghleaundail an Diurinish; do Ghleann Uige an Troternish; do fhior Bhràighe Ghlinn Hìnnisdail: agus do Ghleann sgiamhach Sgàladail.” Cha ’n ’eil mi cinnteach co ’n Gleann Sgàladail a bha ’n so, oir tha dha no tri dhiubh sin ’san Eilein Sgiathanach. Tha e coltach gu ’n robh am pailteas bainne aice, agus gu ’m biodh a h-adharc a sgaoileadh pailteis air gach taobh, mar a bha adharc na gaibhre a bha toirt bainne do Iupiter an uair a bha e an Cornucopia—adharc a phailteis. Nach bochd nach tigeadh i ’n rathad so. ’Nuair a thubhairt sinn na h-uiread so mu Ghleanndail, chi sinn nach ’eil e cho iongantach, ged sheinneadh am bard milis duanag do ’n “Ghleann ’san robh mi òg.” Gidheadh cha ’n ’eil na monaidhean aig Gleanndail ro ard; ach tha sealladh boidheach ri fhaicinn thar mullach Holbhal. Tha Scoebhal air an taobh eile de ’n bheinn sin. Cha ’n ainmean Gailig iad sin idir. Tha Gleanndail air fas gle ghaireasach anns gach ni, seach mar a bha e ri ’m cheud chuimhne-sa. Tha bàta na smùide a tighinn ’s a taghal air maduinn agus air feasgar tri laithean de ’n t-seachduin an sin. Tha litrichean a tighinn fad sia laithean na seachdain, agus iad sin air an toirt seachad aig na dorsaibh. Tha ’n teachdaire dealanaich (lightning messenger, or telegraph) an sin, agus cluinnear a ghuth fad air falbh. Tha fuineadair ann agus feòladair a cumail an cuid each air falbh am measg an t-sluaigh, mar an ceudna. Is e ni cho mor ’s a ta ri fhaicinn an diugh an Gleanndail, na tighean maiseach a chaidh a thogail ann, agus a thatar a sior thogail ann o’n fhuair an sluagh còir na ’s cinntiche air an fhearann. Bha tuath chòir agus ghasda ’na ’n comhnuidh an Ramasaig agus ann an Lourgill gus an do chuireadh fàs na bailtean sin. Tha na glinn sin fo chaoraich an diugh. Air an t-slighe gu Lourgill tha àite iomraiteach bu chòir do choigrich agus do luchd-siubhail gun dhol seachad air. Nuair a bha aon de theaghlach Mhic Leoid Dunbheagain na chòmhnuidh ann an Hamara an Gleanndail, bhiodh e ’deanamh ceartais ann an cùisibh beaga, am measg an t-sluaigh. Bheireadh e gach cuis throm a chum an ard-uachdarain. Bha seachdnar thuathanach a’ còmhnuidh an Lourgill o chionn ùine fhada, agus chaidh iad a mach air a cheile. Thòisich iad air (Air a leantuinn air taobh 118). [TD 116] [Vol. 9. No. 15. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OCTOBER 12, 1900. LITIR O “FHEAR-TURAIS.” Leugh mi litir “Chalum a’ Ghlinne” anns a MHAC-TALLA o cheann seachdain no dha, agus gu firinneach tha mi gle thoilichte gu ’n d’ thug e iomradh ann an doigh cho snasail air ni a bha gu tric air m’ inntinn fhein—’se sin tuilleadh cuideachaidh a dheanamh ris a MHAC-TALLA, an t-aon phaipear a th’ againn nar cainnt mhathareil. Tha e soilleir gu feum ni air choireigin a bhi deante aig a cheart àm. Tha pris gach ni air eirigh gu mor; tha tuarasdal luchd-obrach air eirigh; agus mar sin cosgais an lorg cur a mach a phaipear air dol gu mor a meud. Cha ’n ’eil e iomchuidh gu ’m biodh an t-eallach so air fhagail air druim aon duine. Faodaidh daoine bhi ’n duil gu bheil druim laidir aig a Ghaidheal threun a tha cur a mach a phaipear, ach ged a tha cha ’n fhaodar brath a ghabhail air tuilleadh ’sa choir. ’Se strabh mu dheireadh a bhriseas druim a chamhuill. Gu de ma tha ghabhas deanamh? Tha so. Biodh na Gaidheil uile, gach mac is nighean mathar tha gabhail a phaipear, a gluasad suas agus a faighinn gabhaltach no dha eile. Cha ’eil te no fear, og no sean, thall no bhos, a tha faotuinn MHIC-TALLA nach faod, le beagan saothair, aon ghabhaltach co-dhiu fhaotainn, agus an t-airgead a chur air aghaidh gu dail. Dublaichidh sin àireamh an luchd-gabhail a dh’ aon bheum; ’s theid mise an urras gu ’n cuir sin uigh air an fhear-dheasachaidh a ni feum dha fhein agus dhuinne iomadh latha. Thug litir Chalum a leithid a ghluasad air m’ inntinn ’nuair a leugh mi i ’s nach b’ urrainn mi bhi socair gus an sgriobhainn na facail so ugad. Ach cha ’n ’eil mi dol a stad le so; tha mi dol a mach a dh’ fhaicinn co gheibh mi air son am paipear a ghabhail. Ma ni mi cho math ri “Calum a’ Ghlinne” cha bhi mi gearain. Tha fios aig an fhear-dheasachaidh gur iomadh gabhaltach a fhuair mi dha anns na h-ochd bliadhna dh’ fhalbh, (cha ’n ann le bòsd sam bith a tha mi ga radh), ach cha ’n ’eil mi idir sgith dheth no smaointinn gu ’n d’ rinn mi gu leor air a shon. Cluinneamaid o chach a cheile gus gu ’m bi fios aig an dara neach ciamar ’tha neach eile tighinn air aghart leis an obair. Ma bhios sinn dileas cha ’n fhada gus a fas MAC-TALLA ni ’s motha na bha e fhathast. Leanamaid air cuideachadh leis gus a fas e cho leathann ri plàt fhasgnaidh. ’Ur caraid, FEAR-TURAIS. LITIR A CEAP NOR. A MHIC-TALLA RUNAICH:—Shaoil mi gu ’n rachadh agam air sgriobhadh a d’ ionnsuidh na bu traithe na ’n t-àm so de ’n mhios, ach cha dean e feum sam bith teannadh ri aithris gach ni bha cur bacaidh orm. Air aon bheul oidhche o chionn ghoirid, ’nuair bha mi deas gu sgriobhadh, co thigeadh a dh’ ionnsuidh an taighe ach Eilidh Sheochd, a thainig o chionn naoi bliadhna fichead bharr na h-Aibhne Meadhonaich maille ri a fear-posda, Cailean Urchadain, a ghabhail comhnuidh ’s an àite so. Ged ’s minic a chur Eilidh oidhche seachad maille ruinn roimhe so, ’s ann a thainig i air an turas so a chum a’ cur seachad maille ri a seana bhan-choimhearsnach, Caitriona Dhomhnullach, mar theirte rithe an làithean a h-òige. ’Nuair thoisich na mnathan aosda coire so ri comhradh, co b’ urrainn teannadh ri sgriobhadh? Cha b’ urrainn mise, co-dhiu. Bu roghnaiche leam gu mor suidhe sios ’g an eisdeachd, ged bhuaineachadh iad air comhradh gu meadhon-oidhche. Cul mo laimhe ris gach aon a dheanadh tair air a mhuinntir aosda tha gluasad ’s an t-slighe cheart. Tha e sgriobhte gu ’n teagaisg lionmhorachd bhliadhnachan gliocas; agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nan eisdeadh a chuid a’s lionmhoire gu mor de oigridh an t-saoghail ri comhairlean glice nan aosda, gur iomadh slochd agus ribe tha do-leirsinn dhaibh fein a dheanadh iad a sheachnadh. Cha ’n fhaicte iad cho ro thric a’ cosnadh dhaibh fein cliu dith na ceille, an cliu a tha ’n fhirinn ag innse dhuinn a bhuineas do gach aon leis an aoibhinn talla cheoil agus an t-subhachais. Ach tha mi air dol beagan a thaobh. Bha mi ’n duil innseadh dhuit gur ann an Eilean a Cheo a rugadh agus a dh’ araicheadh Caitriona. Bha tigh a h-athair agus tigh Iain Bhàin fagus d’a cheile aig ceann Loch Shnisort. Mar sin bha Caitriona agus Màiri nighean Iain Bhàin, a bhana-bhard nach maireann, daonnan an cuideachd a cheile ann an laithean an oige. Thainig i mach gu America maille ri (Air a leantuinn air taobh 120). AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 117] [Vol. 9. No. 15. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha am Florida gu falbh á Sidni ’sa mhaduinn an diugh. ’Se so an turus mu dheireadh a ni i edar so us Boston air an fhoghar so. Chaidh gille beag le Niall Mac Neill, an Sydney Mines, a ghoirteachadh le tuiteam bhar carbad guail Di-haoine s’a chaidh, agus chaochail e an ceann beagan uairean. Tha Morair Strathcona aig an àm so ann an tir a dhuthchais. Tha e air an t-seachdain so ann am Montreal, baile anns ’n do chuir e seachad roinn mhor dhe bheatha, agus a tha ’n diugh a’ cur urram mor air. Chaidh gille d’ am b’ ainm Alfred Leonard a mharbhadh anns a mhèinn am Bridgeport feasgar Di-luain s’a chaidh. Bha e anns a chro, a tighinn a nuas o ’obair, agus bhual a cheann ann am maide ’s bha e air a mharbhadh air ball. Bhuineadh e do Cheticamp, an siorrachd Inbhirnis, agus cha robh e ach coig bliadhn’ deug a dh’ aois. Chaidh gille dubh d’ am b’ ainm Avard Chandler a mharbhadh ann am Bridgetown, N. S., Di-satharna s’a chaidh, le companach a loisg air. Cha robh Chandler ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear a loisg air, Howard Wade, coig bliadhn’ deug. Tha Wade anns a’ phriosan ’s ri bhi air fheuchainn air son a ghniomh oillteil a rinn e. Chaidh duine mhuinntir River Inhabitants—Domhnullach—a ghoirteichadh gu dona air an rathad iaruinn faisg air a Bheighe ’n Iar, mu mheadhon na seachdain s’a chaidh. Cha ’n ’eil fhios ciamar a thachair dha. Fhuaireadh e maduinn Di-ciaduin ann an lòn fala, slige chinn air a bhristeadh ’s an eanchainn ris. Bha e ann an suidheachadh gle iseal, agus am fios mu dheireadh a fhuair sinn cha robh mor choltas air gu ’m biodh e fada beò. Chuir sinn cuibhrig ’us paipear litreach dh’ ionnsuidh gach aon de ghabhaltaichean MHIC-TALLA toiseach a mhios a dh’ fhalbh. Bha iad air son a bhi air an cur gu feum ann an cur ugainn pàigheadh a phaipeir. Rinn àireamh mhor am feum sin dhiubh cheana, agus iadsan nach d’ rinn, tha dòchas againn gu ’n dean gun dàil. Tha dùil againn ris gach cuibhrig us paipeir a thighinn air ais ugainn agus dolar an cois gach aoin dhiubh, agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr. Tha an strike ann am mèinnean guail Phennsylvania a’ dol air adhart fhathast. Tha iadsan a tha ’nan tàmh eadar sia us seachd fichead mile an àireamh, agus cha ’n ’eil ach fior chorra mhèinn air a h-obrachadh. Tha na daoine anabarrach sitheil; cha robh troimhe-cheile sam bith ’nam measg o’n sheas iad a mach. Tha na maighstirean a nise tairgsinn na tuarasdail àrdachanh deich sentichean air an dolair ma theid na daoine dh’ obair. Cha do ghabh na daoine ris an tairgse sin fhathast, agus cha mho a dhiùlt iad i; ach tha cuid dhe ’n bhargil nach teid moran ùine seachad gun còrdadh a bhi air a dheanamh. Faigh FEAR-GABHAIL UR do’n MHAC-TALLA, ’s cuir ugainn dolair gu leth ($1.50) agus gheibh sibh le cheile am paipear fad bliadhna. Bha àireamh dhaoine tinn leis a bhric ann am Bathurst, N. B., o chionn ghoirid, ach chaidh gabhail aig an tinneas an àm, agus cha d’ fhuair i cothrom sgaoileadh. Tha liberals na siorrachd so an deigh an Dotair Kendall agus Alasdair Johnston a roghnachadh gu ruith air son àiteachan-suidhe na siorrachd so san àrd-phàrlamaid. Iarr air do nàbuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA a chum gu faigh e an sgeul ùr—“O Chionn Tri Fichead Bliadhna”—an sgeul ’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. ’S fhiach i a leughadh. Thainig tri mile fichead de mhuinntir na h-Eirinn do na Stàidean ruith an da mhios dheug a dh’ fhalbh. Tha an sluagh a sior fhàgail Eirinn, agus tha ’n àireamh mhor dhiubh a dol do na Stàidean, far am bheil cheana barrachd mor dhiubh ’sa tha ’nan seann dùthaich fhein. Ann an Acarsaid Neill, o chionn tri miosan air ais, bha fear Jeans air a mharbhadh le bruis a chaidh a thilgeadh air le Tomas Ingraham ’s iad ag obair comhladh ann an tigh éisg. Bha Ingraham air fheuchainn aig a’ chùirt mhóir ann am Baddeck Di-màirt s’a chaidh, agus thug an jury saor e. Chaidh seann duine, Uilleam Mc-Grath, a losgadh gu bàs aig Windsor Junction, toiseach na seachdain s’a chaidh. Chaidh am bothan taighe ’san robh e ’fuireach na theine, agus esan na chadal. Nuair a thug muinntir eile an aire dh’ an teine bha e ro fhad air adhart. Bha an seann duine tri fichead bliadhna dh’ aois. Tha taghadh na pàrlamaid ann am Breatunn a’ dol air adhart, agus tha Morair Salisbury ’sa phàirtidh a faotainn a’ chuid a’s fhearr dheth. Tha ’n cogadh a bhi air a thoirt gu crich, agus Breatunn buadhach ’na neart mor do na “Unionists.” Cha ’n ’eil an taghadh ann am Breatunn air a chur seachad an aon latha mar anns an dùthaich so, oir cha bhi e anns a h-uile siorrachd aig an aon am. Gu math tric bidh còrr us seachdain eadar toiseach us crioch an taghaidh. Toiseach an earraich s’a chaidh chuir a’ chlann a tha feuchainn ri foghlum a thoirt a mach ann a sgoilean Philadelphia, air falbh aon dhiubh mar theachdaire gu Crugar a dh’ innse dha cho measail ’sa bha iad air ’s cho dòchasail ’sa bha iad gu ’n rachadh aige air saorsa dhùthcha a sheasamh. Rainig an teachdaire òg sin Crugar nuair a bha rioghachd an urra mhoir sin a lion beagan us beagan a dealachadh ris, chuir e ’n céill a theachdaireachd, agus thill e dhachaidh. Tha e-fhein ’sa chompanaich a nise sona. Is dòcha gu bheil iad gle shuarach mu Chrus arg mu ’chuid iochdaran, ach nach d’ rinn iad ni nach d’ rinn buidheann sgoilearan an àite sam bith eile? agus nach deach iomradh a thoirt orra ann sna paipearan-naigheachd? Stor nan Sutharlanach an stor a’s fhearr an Sidni air son Caiseart agus Aodaich. Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7.20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7.20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein. DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw,” LEATHAR UILE, air $1.15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1.40. H. H. Sutherland & Co. An Stor Thormaid Dhomhnullaich. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 118] [Vol. 9. No. 15. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 115). trod ’s air iorghuill—“Thugainn, a choin? C’aite, a choin? Do Hamara, a choin! C’ar son, a choin? Gu ceartas a choin!” Dh’ fhalbh na fir, agus o àrd fhocail air an t-slighe, thainig iad gu buillibh. Bhuail iad air a cheile gus an do mharbh iad a cheile; oir bhiodh gach neach a giulan airm ’s an la ud—gu h-àraidh claidheamh, no biodag. Tha làraichean nan seachd càrn ri ’m faicinn anns an ionad ’s an d’ fhuaireadh marbh iad, agus tha iad a cumail air chuimhne a ghniomh oillteil ud gus an là so. Faodaidh coigrich agus luchd-siubhail, air dhaibh teachd a nuas o Dhunbheagain, an rathad a’ leantuinn sios gu Husabost agus gu Boreraig agus Galltergill. Is ann an Husabost a rugadh am fearlagha ainmeil sin, an Siorram Alasdair Mac Neacail. Bha e sin ’na fhior sgoileir Gailig. Is ann am Boreraig a bha na piobairean ainmeil sin, Clann Mhic Cruimein, a gabhail comhnuidh. Cha ’n ’eil ann am Boreraig a nis de ’n treibh sin ach aon neach. Bha Padruig Mor Mac Cruimein an sin, Padruig Caog, Domhnull Bàn, &c. Is lionmhor piobaire maith a chaidh ionnsachadh anns an Oil-thigh aig Clann Mhic Cruimein, ann am Boreraig. Ghabhadh e moran ùine a sgriobhadh mu ’n timchioll. Bha ’m piobaire dall, Mac Aoidh, an sin ag ionnsachadh. Bha e sin ’na bhàrd cho maith ’s na phiobaire, agus tha “leum an daill” an sin dluth air dùn Bhoreraig, far an d’ fheuch iad a chur leis a chreig bhar an do leum e. Tha “sloc nam piobairean” an sin, far am biodh iad a’ cluich. Bu bhoidheach a bhi ’g an cluinntinn air feasgar feathach samhruidh. Theid sinn a nis sios do Ghalltergill, far am bheil “Clach a mhodha” (the manner stone). Rachadh an dream a ta gu ’n mhodh an sin fathast agus buaileadh iad am màsan tri uairean air a chloich sin mar a dheanadh dream roimhe so, agus fagaidh iad an t-àite fior mhodhail. Tha e coltach gu robh buaidh eufachdach aig a chloich sin, ma ’s fior an sgeula. Tha i ’na luidhe ’s na suidhe an sud fathast a feitheamh co a theid thuice. Is ann an Galltergill a bha ’n duine uasal dileas sin Domhnull Mac Leoid—an sgiobair-cuain a dh’ aisig Prionnsa Tearlach á Mùideart do Uist a chinne-deas, agus a dh’ fhalbh leis do na Hearadh agus do Leobhas—a’ gabhail comhnuidh. Cha d’ fhuair mi riamh a mach ciod a dh’ eirich dha fein an deigh teachd as a phriosan. Bha e fein air teachd air adhart ann an aois, ach bha mac aige a bha ’na ghille tapaidh. Is e mo fheachd gu ’n deachaidh iad air imrich do America an uair a dh’ eirich an odhail mhor air daoinibh gu falbh, agus a bha ’m fearann ’g a chur fo chaoraich. Cha ’n urrainn mi ’radh am biodh Mac Leoid ro bhàighail ri Domhnull còir no nach biodh. Cha robh Mac Leoid e fein air taobh a Phrionnsa le chuid daoine ged bha beagan aca leis. Ach co dhiubh, chaill sinn sealladh air Domhnull Mac Leoid á Galltergill agus air a chuid sliochd. Bu mhaith leam, gu dearbh, fhaotainn a mach ciod bu chor dha fein ’s d’a mhac tapaidh. Is iomadh luinneag thuiridh a chaidh a dheanamh an uair a bha iad a cur air falbh daoine do America, agus mar an ceudna an uair a bha iad a toirt air falbh gillean òga do ’n arm leis na croinn. Nithe, ma bhios tim agam, a chuireas mi thugaibh. CAS AIR ASTAR. BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XVI. TURAS NAN GAEL GU MANCHESTER. Air an ochdamh latha fichead de’ n mhìos dh’ fhàg an t-arm gu léir Preston agus ràinig iad ma oidhche Wigan* baile margaidh a tha 196 mìle air an taobh so do Lunnainn agus air an ath mhadainn thog iad orra gu ruige Manchester, agus ma naoi uairean a dh’ òidhche ràinig toiseach an airm (ma thuaiream ceud marcach), am baile sin, agus air an ath latha ràinig an t-arm gu léir Manchester. Thàinig am Prionnsa féin a steach do ’n bhaile ma dha uair an deigh mheadhon latha agus prasgan taghta dheth na Gàeil bu chalma ma thimchioll, ré an latha, (a b’e ’n naoidheamh latha fichead de’n mhios), chaidh maoir a’ bhaile mun cuairt a thoir rabhaidh do gach neach aig an robh cìs-rìgh ri dhioladh iad ga pàigheadh do dh’ fhear gleidhidh an iomhais aig a’ Phrionns’ ann an lùchairt an rìgh—eadar sin as feasgar chaidh na maoir a rithist mun cuairt a chuir an céill gun robh e air a shonrachadh le mathaibh a’ bhaile gum biodh tineachan-éibhinn air am beodhachadh ann an caochladh ionadan mun cuairt do’n bhaile mar onair ri teachd a’ Phrionns’ òig; ma chiaradh na h-òidhche chaidh na teineachan-aighear so ’nan caoirean dearga agus thòisich cluig a’ bhaile air séirm, ach cha d’ fhuair fear-gleidhidh an ionmhais a bheag de dh’ airgead cìse gus an deach an ath bhairlinn mun cuairt. Air an deicheamh latha fichead de ’n mhìos, chruinnich an t-arm Gàelach gu léir ri chéile ann am Manchester; chaidh sùrd a chuir air togail dhaoine, agus dh’ eirich bho dha cheud gu trì cheud *Mu ’n d’ rainig iad am baile so bha iad a falbh air fior dhroch rathad air chor ’s gu ’n tainig toll air te de bhrogan a Phrionnsa, agus a thaobh nach robh greusaich faisg air laimh, chaidh am Prionnsa steach do cheardaich a bha ri taobh na [?], agus thug e air gille ghobha bre[?]ban de mhir a dh’ iarrainn tuna [?]gheal le tuirnean air bonn a bhroighe. Rinn an gobha og an obair gu grinn: agus air do ’n Phrionnsa bhi ga phaigheadh air son a shaoithreadh thuirt e ris mar so.—“So dhut do dhuais a laochain,agus a’s math a choisinn thu i: agus faodaidh tu nise radh gu dearbh, gur tu fein a chiad ghobha riabh a chuir cruithean air mac Righ! Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 119] [Vol. 9. No. 15. p. 7] fear do mhuinntir a’ bhaile, agus thugadh “Reiseamaid Mhainchester” mar ainm orra. Bha iad so fo chomannda Mr. Townly. Bha cuid dheth na Sasunnaich am barail gun robh an t-àrm Gàelach gu beanntaichean Wales a thoirt orra, dùthaich anns am biodh sàr-chothrom ac’ air an arm-dhearg, a thaobh e bhi na thalamh garbh anns nach b’urrainn saighdearan ionnsaichte iad féin a ghnàthachadh cho math; air an aobhar sin leag muinntir Dheòrsa na drochaidean a bha thar Abhainn Mhercy, a bha ruith eadar an dùthaich sin a’s Manchester, chum ’s nach faigheadh na Gàeil a null. Air a’ chiad latha de chiad mhìos a gheamhraidh, dh’ fhag an t-arm Manchester n ’an dà chuideachd, ghabh aon chuideachd rathad Stocport agus a’ chuideachd eile rathad Knottesford, bha so a nochdadh gur h-e Lunnainn a bha dìreach nam beachd. Chaidh na drochaitean a bh’ air an t-slighe so mar an cianda bhristeadh sios, air an aobhar sin thàinig air an arm a dhol thar Abhainn Mhercy air sheol eile, agus be sin coille chrithinn a bha ri taobh na h-aibhne a’ ghearradh agus seòrsa drochaid a dheanamh dheth na craobhan air an d’ fhuair na h-eich, na canoin, agus gach trealaich chòmhraig eile null: ghabh am Prionnsa féin maille ris a’ chuideachd eile de’n àrm am bial-àth aig Stockport agus an sruth a’ ruidhinn suas gu chrios. Air feasgair a’ chiad latha de mhìos mheadhonach a’ Gheamhraidh thainig an dà chuideachd dheth an armailt an ceann a’ chéile aig Maccleshfield far an d’ fhuair Tearlach brath gun ghabh Diuc Uilleam comannda an arm Shasunnaich a bha na laidhe ann an Siorramachd Stafford. Rùinich am Prionnsa gu’n gluaiseadh e féin agus an t-arm Gàelach gu Derbie chum ’s nach biodh fios aig an Diùc c’àit’ an rachadh e air an tòir—mar sin chaidh Morair Deòrsa Moireach le prasgan dheth an arm gu ruige Congleton, air an rathad dhìreach a ta treorachadh gu Litchfield, an uair a chaidh a chuid eile’ de ’n armailt gu ruige Derbie. Air an dara latha de mhìos mheadhonach a gheamhradh, chuala Diuc Uilleam gu ’n robh feachd-laidir dheth na Gàeil ann an Congleton agus gun robh a’ chuid eile dhiù gu bhi ann sa’ bhaile sin ma òidhche. Chaidh Diùc Uilleam air an fheasgar sin gu baile ris an canair Stone, a’ fulang do mhòr-fheachd nan Gàel gabhail seachad air gun fhios da. Fhuair Morair Seòras a nise seachad an rathad bu mhiann leis, agus dh’ fhàg e Congleton agus chaidh e seachad tro Leek, agus ràinig e bhaile do ’n goirrear an t-Allt-Innsinn ma fheasgar. Tacan an deigh dhaibh a dhol seachad air Leek thrus armailt a Phrionnsa gu léir ri chéile air an rathad direach gu Derbie chum ’s nach tugadh an t-arm-dearg ionnsaidh orra gun iad a bhi gu léir cruinn. Ràinig Tearlach a nise an imisg shia fichead mìle do Lunnainn le seòlaidhean innleachdach Mhorair Seòras. Dh’ fhaodadh e Lunnainn a ruidhinn a nise gun a thighinn an àite buile do ’n arm-dhearg a bha mu ’n àm so ma thuaiream naoi mìle n’a b’ fhade bho na bhaile sin na bha na Gàeil. ’Nuair a chualas ann an Lunnainn gun robh na Gàeil a’ faighinn seachad air an arm-dhearg, ghlac uabhas muinntir a’ bhaile, chaidh gach bùth a dhùnadh, agus theich mòran sluaigh a dh’ ionnsaidh na dùthcha a’ toirt leo gach seud bu luachmhoire bha nan séilbh. Ghlais Diùc a Chaisteil-Nogha, a h-aon de dh’ fhir stàta na rìoghachd, e-féin na sheòmar rè latha, ga cheasnachadh féin, co dhiù a b’ fhearr dha Tearlach no rìgh Seòras aicheadh. Chuir rìgh Seòras féin a’ chuid usgraichean agus sheudan bu luachmhoire air bòrd a luinge agus bha i ga fheitheamh fo làn uidheam, deas gu seòladh air falbh leis a null do’n Ghearmailt a’ cheart cho luath sa’ chluinnte na Gàeil a bhi dlù do’n bhaile! Bu chian a bha cuimhn’ aig na Lunnainnich air latha ’n ullachaidh mhoire sin a ta fathast iomraiteach ann an seanachas fir Shasuinn air an tug iad “Di-haoine dubh” mar ainm. (Ri leantuinn.) Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 120] [Vol. 9. No. 15. p. 8] (Air a leantuinn o thaobh 116). ’fear-posda, Iain Caimbeul, anns a bhliadhna 1841. Bha iad a chomhnuidh air an Abhuinn Mheadhonaich gus an d’ thainig iad le ’n teaghlach do ’n aite so mu thri bliadhna roimh Chailein. Dh’ eug a fear o chionn dusan bliadhna, agus tha a dachaidh a nis maille ri ’mac a’s oige, anns a Bhras d’Or Bheag. Tha Cailean Urchadan fathast beo, agus e mu cheithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Tha de naigheachdan aige air cogaidhean Bhonapart, a bha e faotainn o shaighdearan a bha anns na blair, na ghabhadh uine mhor ga ’n sgriobhadh sios. Ged bu leoir an fhirinn innse mu thimchioll uamhas nam blar ud, cha ’n ’eil teagamh nach robh cuid dhe na saighdearan ag aithris nithean nach robh idir fior. Air an ochdamh là fichead de ’n mhios s’a chaidh bha ’n t-Urr. Lachunn Beutan, a bha air a bhi saoithreachadh ’n ar measg re da bhliadhna, agus d’ an d’ thug sinn gairm aonaichte, air a shuidheachadh os ar ceann. Bha ’n comanachadh againn air an ath Shàbaid, air do Mhr. Beutan a bhi air a chomhnadh o Dhir-daoin gu Di-luain leis an Urr. Calum Mac Leoid, á Baile-nan-Gall. Bha Mr. Mac Leoid e fein a saoithrachadh re beagan bhliadhnaichean ’s a choithional so, agus cha ’n ’eil òg no aosda ’n ar measg nach dean togail ri fhaicinn agus ri eisdeachd cho minic ’s gu ’n tig e d’ ar n-ionnsuidh. M. D. Ceap Nòr, Sept. 28, 1900. LITIR A AFRICA MU DHEAS. A CHARAID CHOIR:—An raoir ’n uair a bha Iain Domhnullach is mi fhein a sràidearachd timchioll a champ gu de a bhrist a stigh air ar cluasan ach ceòl na pioba moire, mu leth-mhile mach air a veldt. Ruith sinn a mach gun dàil far an cuala sinn an ceol binn, agus co bha so ach fear de na gillean Gàidhealach againn fhin a feuchainn na pioba ’us fear eile ’ga chuideachadh. Cho luath ’sa chuala sinn an coigreach a bruidhinn na Beurla smaoinich sinn gu robh Ghailig aige, agus bhruidhinn sinn ris anns a chànain mhilis sin. Cha luaithe bhruidhinn na fhreagair e anns a chainnt cheudna, agus mu ’n robh an crathadh-laimh blath an sin eadar an triuir againn—Domhnullach, Mac Leoid agus Mac Coinnich; oir dh’ innis e dhuinn ’ainm, agus gu ’n d’ rugadh e ann an Eilean Raasaidh. Thainig e de thréibh Chlann ’Ic Ille-Chalum. Chluich e coig no sia de phuirt air an robh sinn eolach, agus mu ’n àm sin bha mu dhusan de na Gàidheil oga, a chuid bu mhotha dhiubh Ceap Breatunnaich, air tional timchioll, agus mu ’n toireadh tu suil thall no bhos bha sinn a breabadh na gainmhich, a dannsa ruidhle Ghaidhealach. Bha sinn cho toilichte leis a phiob-mhor agus coinneachadh ris a Ghaidheal og so as an t-seann dùthaich ’s nach robh fhios againn de dheanamaid. ’Nuair a bhiodh sinn sgith a dannsa ghabhamaid orain Ghàilig, agus mar sin chaith sinn tri uairean a thide. Cha ’n fhaca mi sealladh ach ainneamh cho moralach ri bhi faicinn agus a’ cluinntinn gillean oga calma Gaidhealach anns an deise shaighdearachd, air a veldt ann an Africa Deas, a bruidhinn agus a seinn ’an cainnt mhàthareil. Tha sinne feuchainn mar is urrainn dhuinn air a Ghàilig a chumail ann an cleachdadh. Bidh sinn a cuir seachad na tide air an oidhche anns a champ le bhi faighinn comhla ri cheile agus a bhi bruidhinn ’sa seinn nan òran a a dh’ ionnsaich sinn o ar sinnsirean; agus gu dearbh mar is motha a bhruidhneas sinn i ’s ann is fhearr a tha sinn a’ fas oirre agus is motha ar meas oirre. Tha mi smaoineachadh, a reir an t-sloinneadh a thug Mac Leoid dhomh, gu bheil e cairdeach dhomh fhein air taobh mo mhàthar, oir ’s e Nic Leoid a th’ innte, agus tha mi ’n duil as an aon àite. Ach, co-dhiu, gheibh mi mach uaipe ’nuair a theid mi dhachaidh. Fhuair mi address Chabar Feidh uaithe, agus tha mi dol a choimhead air agus air na Gàidheil eile ’nuair a theid sinn gu Lunnainn. Slan leibh an drasda. O ’ur caraid dileas, MURCHADH A. MAC COINNICH. Vaal River, Iulaidh 21, 1900. Gleidh gach iuchair a gheibh thu ann am pasgan de Union Blend Tea agus cuir iad gu George S. de Forest & Sons, Saint John, N. B., trath an Nobnember. Fosglaidh 129 de na h-iuchraichean 129 bocsa anns am bheil o $1.00 gu $25.00, agus bidh an t-suim a bhios anns gach bocsa air a chur a dh’ ionnsaidh an neach a chuir air adhart an iuchair a dh’ fhosgail e. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. [Dealbh] Stoc mor air a dheagh thaghadh de Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean “ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig BEZANSON, fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil. AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 121] [Vol. 9. No. 16. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 19, 1900. No. 16. YUMA. LE DONULL MAC LEOID. (Air a leantuinn). Cha ’n e gu bheil tlachd aca ’san àite tha toirt air daoine bhith tuineachadh ann a Yùma, cha ’n e idir, ach a ni a thug air Iscariot a Mhaighstir a bhrath—gaol nam buinn airgeid. Tha a mhalairt a tha aca ris na mèinnean òr ’us airgiod ’us luaidhe a tha gu h-ard ’s na beanntan a’ cumail a bhaile saoibhir. Tha 3,200 sluaigh ’s a’ bhaile. Is Mecsicanaich trian dhiubh agus is Geancaich an da thrian eile. Chruinnich cuid dhiubh le foighidin ’us dichioll deagh fhortan. Fhuair am baile an t-ainm Yùma bho threibh Innseanaich de ’n ainm cheudna. ’Nuair a fhuaireadh an t-òr ’an California ’an 1849, thoisich daoine geala air suidheachadh ann a Yùma. Ré dà bhliadhna as deigh sin chaidh na miltean le eich, ’s le daimh troimh Tecsas ’us Arisona; ghabh iad an t-aiseag thairis air a’ Cholorado aig Yùma, agus á sin ghabh iad suas druim Tir an Or. Bha moran de ghnothuichean a’ dol air an adhart ann a Yùma, a creic biadh ’us aodach ’us deoch laidir ris an luchd-turais, agus ’gan aiseag thairis air an abhainn. Eadar 1860 ’us 1880 chaidh àireamh mhor mhèinnean fhaotainn an Arisona, agus thaom moran sluaigh a stigh do ’n roinn sin as gach cearna. B’e Yùma àite bu mhotha malairt ’san roinn. ’An 1880 chaidh rathad iaruinn a thogail bho Chalifornia troimh Yùma ’us Tecsas gu Orleans Nuadh, agus le sin chaill Yùma a greim air a mhalairt a b’ abhaist dhi a bhi mealtuinn. Bho 1888 fhuaireadh baide de dheagh mhèinnean òra faisg air an t-seann bhaile, agus thug sin beatha nuadh dha. Cha ’n ’eil aon a’s urrainn dol air falbh a fuireach ann a Yùma fad an t-samhraidh. Tha sìde cho briagha, cho bog ’s cho taitneach ann ’s a’ gheamhradh ’sa tha air thalamh. Tha chuid a’s motha de na mnathan ’s de ’n chlann a’ fagail a bhaile mu thoiseach Maigh ’s a’ dol gu oirthir Chalifornia. Tha iomadh fear ’sa bhaile h-uile samhradh fad iomadh bliadhna, agus cha dean iad uidhir de ghearan air 115° de theas ’sa ni muinnntir àitean eile air 80°. Faodar a thuigsinn nach ’eil na Yùmanaich a’ caitheamh as t-samhradh ach an trusgan a’s taine ’s is gainne ’s is tuanaice. Cha ’n fhaicear leine gheal ann bho Mhaigh gu October; ’se grainealachd a bhiodh ann an colar geal. Cha ’n urrainn eadhon an fheadhainn a tha air an cleachdadh ris an aite cur suas le teas ’us dumhlachd seòmar ’san oidhche. Is neonach an sealladh a chi neach a sheallas tarsuinn air Yùma mu thighinn latha samhraidh. Tha h-uile neach ’sa bhaile—daoine, mnathan ’us clann—nan cadal air taobh a muigh nan taighean. Tha leapaichean beaga nach cum ach aon neach, ris an canar cots ’sa Bheurla, air mullaichean comhnard nan taighean; tha leapaichean air na bherandahan, air culaobh nan taighean, air beulaobh nan taighean agus air na sràidean garbha, cam, cuagach, a h-uile neach fliuch le fallus ’s a losgadh le fiabhrus an teas, a feuchainn ri àite fhaotainn far am bual oiteag fhann ghaoith air. Tha cuid de dhaoine ’s de mhnathan a cadal fo phlaidean tana cotain; tha cuid eile a’ cadal ’san eideadh thana chotain a bha orra fad an latha; agus tha a’ chlann nan suain chadail gun dad thairis air an neo-chiontachd ach na speuran. Aig an tigh-òsda tha na leapaichean a muigh air a’ phiasa fad an t-samhraidh. Is minig a chithear deich thar fhichead a’ cadal ’san aon sreath air leapaichean beaga canabhais. Is e gle bheag morchuis a tha anns na Yùmanaich. Fhuair an sluagh a mach air an cost nach fhaod iad ithe ach am biadh a’s simplidh -melons, corn, ’us measaichean, lite, agus gach seòrsa eanarich no brota a ni na Mecsicanich. Tha e duilich de dhaoine tha ’tuineachadh ann an cearna sam bheil cnocan uaine, machraichean arbhar, sruthan, liosan ’us coille, agus far an tuit frasan briagha de dh’ uisge an drasda ’sa’ rithist, a thuigsinn cho blion ’sa’ tha beatha neach ann am baile fasail mar tha Yùma. Cha dean neach stràc obrach ach na dh’ fheumas e. Fad na sia miosan a’s teithe tha an sluagh ag eirigh an tighinn a’ latha. Tha na storaichean air am fosgladh, na carbadan air an luchdachadh le bàthar a tha ’dol gus na meinnean, tha na mnathan-taighe ’deasachadh biadh, agus a’ deanamh na’s urrainn iad de dh’ obair an latha; agus tha Mecsicanich a’ dol bho dhorus gu dorus le barailtean de dh’ uisge plodach. Mu shia uairean tha a chuid a’s motha de dh’ obair an latha deante. Aig ochd uairean tha h-uile seorsa obair a stad re tamal. Tha a ghrian gu math àrd ’s i losgadh ’sa’ lasadh na ’s teithe h-uile tiotadh. Tha gach aon a nise fo sgail, tha na comhlaichean fiodha tha air na h-uinneagan duinte, tha na storaichean ’s na taighean oil air an druideadh, agus tha na tha air taobh a muigh nan taighean de’n bhaile air fhàgail aig na h-Innseanaich chàirdeil gu bhi gluasad ann mar thogras iad. Aig sia uairean feasgar tha gach neach air a bhonnan, tha na storaichean ’s na taighean air am fosgladh. Ma dh’fhaoidte gun thuit an t-airgead beo a nise gu 112°. ’Nuair a theid a ghrian fodha tha an sluagh a’ toiseachadh a rithist air obair anns na taighean ’s anns na bùithean. Bidh iad thric nan caithris fad na h-oidhche. Tha feadhainn de na ceannaichean a deanamh a’ chuid a’s motha de ’n gnothuichean eadar ochd ’san fheasgar ’s tri ’sa’ mhadainn. Tha Priosan Peanasachaidh Arisona agus bala àrd claiche m’a thimchioll, na sheasamh air bruthach loisgte, thioram, ’an ceann a tuath Yùma. Rinn an t-Ard-Riaghladar spairn cruaidh air am priosan a thoirt gu àite ’s fionnaire de Arisona agus tha sin a’ dol leis gle mhath. Thuirt fear cumail a phriosain an là roimhe gur ainneamh neach a bhios beò na ’s fhaide na ochd bliadhna ann am priosan fo na speuran so. Is gann is urrainn neach a thuigsinn na tha na priosanaich thruagha fulang ’san t-samhradh. Gheibh an fheadhainn aig am beil airgead, no aig am beil càirdean ’an àrd inbhe, cead cadal air taobh a muigh a phriosain fad na bliadhna, ach tha chuid eile dhiubh air an glasadh gach oidhche anns na budhailtean de dh’ obair chlaiche ris an abrar cells. Bidh na ballaichean ’s na h-ùrlaran cloiche ’tional teas bho sheachdainn gu seachdainn gus am bi iad mu mheadhon an t-samhraidh an ire mhath cho teth ri ballaichean àth. Cionnus a bhios neach ach an-shocrach ’us truagh ’nuair a a bhios e air a ghlasadh gach oidhche ann an te de na budhailtean so, nach ’eil ach ochd troighean an dara rathad ’us ceithir troighean an rathad eile, agus clachan nam balaichean cho blàth ’s nach duirig neach beantuinn riutha, agus gun ach fosgladh beag ’an dorus na budhailte air son leigeal gaoith ùr a stigh. Chithear na truaghain nan laidhe mar thainig iad thun ’n t-saoghail, air na leapaichean aca, agus seathan orra mar bhios air lisard, air neo ’na ’n seasamh aig dorsan nam budhailtean aca, an aghaidhean glasa eadar na gàtan iarruinn a’ feuchainn ri oiteag ghaoith fhaotain. Is ann le fìor thoileachadh a chi iad an latha ’tighinn; thig iad a mach ás na budhailtean a’ sileadh faluis ’s cho lag ris a cheò. Neach ’sam beil nadur an tinneas-chaitheamh cha bhi saoghal buan aige ann a Yùma. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XXI. TUILLEADH A THACHAIR AIG BAILE NA CRAOIBH GHIUBHAIS. Chum an t-Iarla urramach ri fhacal; chionn thainig carbad á Ichburg a’s t-fhoghair gu Baile na Craoibh Ghiubhais an coinneamh na seana charaid. Ghuil am mac gu goirt an àm bhi dealachadh ri sheana pharantan; ach bha ’bhean og, a bha cunntas nan uairean ’s na laithean gus am falbhadh iad, ro-thoilichte ’bhi cuibhteas iad. Cha robh a sòlas air a shon sin ach gearr; chionn shin gille a’ charbaid dhith ordugh a chuireadh i air aghairt ceithir uairean ’s a’ bhliadhna troimh ’n oifis riaghlaidh a b’ fhaisge, ’an cuineadh an ama, suim a bhiodh coltach gus an cumail suas air reir nam prìsean a bha ruith ’s an am; airneo mar deanadh i so, rachadh a peanasachadh le pairt de cuid a ghlacadh air reir an lagha ’s a chreic, agus na dheanadh e ’chuir a phaigheadh an ain-fhiach. Chuir so an caothach oirre, agus leum i ’s thoisich i ri trod. “Carson?” ars’ ise; “cha ’n ’eil ann ach as an teine do ’n ghriosaich. Na ’m biodh iad a fuireach comhla ruinn cha chosgadh iad a’ leth dhuinn.” Bha am mac, air a shon sin, gle thoilichte gu ’m b’ urrainn da mar so a bhi ’na chuideachadh dha phàrantan fhathast, eadhon an aghaidh toil a mhnatha; ach cha robh a chridh’ aige sin a leigeil air. An ath mhaduinn chaidh an t-seana charaid a stigh do ’n charbaid agus dh’ fhalbh iad, am mac a deanamh [TD 122] [Vol. 9. No. 16. p. 2] ghuidheachan math dhaibh, agus a bhean og gu samhach a guidhe mhollachdan orra. Ach an t-olc a bha toil aice a thighinn air feadhainn eile ’s ann a dhruigh e oirre fhein, mar is math a choisinn a sannt ’s a h-an-iochdmhoireachd. Thug i a cuid airgiod seachad de mharsanta a bha an duil factori a chuir suas, agus a gheall deich puinnd as a cheud de riadh dhi airson a chalpa. Bha ’riadh ri chur ris a’ chalpa uair ’sa bhliadhna, agus bha e fhein a giulain réidh a bharrachd air a sin. Bha ’bhean og ’ga saoilsinn fhein ro-fhortanach, agus cha robh toileachadh bu mhoth’ aice ’na bhi ’cunntas da ’companach an t-suim mhor gus an tigeadh e ’an ceann deich ’s an ceann fichead bliadhna. Ach fhuair an aisling or a garbh sgaoileadh. Chaidh an ionnsaidh a thug am marsanta gu buileach ’na aghaidh, agus chaidh gach gnothuch a bhuineadh dha a ghlacadh a reir an lagha. Thainig a chuis ’na thairneanach oirre. Aon uair ’s gu ’n cual i mar thachair cha robh sith tuilleadh aice; bha i ’ruith mu ’n cuairt gun tamh, an drasda gu fear-lagha, an rithisd gus na cuirtach, eadhon ’s an oidhche cha ’n fhaigheadh i cadal ach a smaointeachadh mu ’n chuis, agus ’ga oibreachadh mu ’n cuairt ’na h-inntinn. Mu dheireadh thall, cha d’ fhuair i airson na deich mile dolair ach beagan cheud. Bha i, cha mhor, anns an an-dochas; dh’ fhas i sgith de ’n t-saoghal, agus bha i ’g orduchadh a’ bhàis. Gus an fhirinn a dheanamh, chaidh i as cho mor leis a’ chriomchair agus gu ’n thuit i am fiabhrus trom. Bha toil aig a fear pòsda fios a chuir air lighiche a bha ’n ’sa bhail’ a b’ fhaisge ach cha ’n fhuilingeadh ise guth a thoirt air a leithid. “Dh’ fhairtlich air feum a dheanamh do sheann Iacoib,” ars’ ise, “agus cha deanadh e barrachd air mo shon-sa. Tha fear sgathadh nan ceann, am Buchdorf, gu fada na ’s fhearr na e.” Gus an fhirinn a dheanamh, ’s e an sannt a chuir so ’na ceann, chionn le fios a chuir air an fhear so, a bha na sheorsa dotair, shabhaladh i beagan thasdan. Ach air an turus so chuir a fear-pòsda ’na h-aghaidh gu làidir, agus fhuair e an lighiche; ach bha ise cho diumbach ’s gu ’n a thilg i a’ cheud bhotul cungaidh a fhuair i a mach troimh ’n uinneig, agus chuir i fios air fear sgathadh nan ceann. Leighis na drapan ainmeil a thug e dhi gun teagamh a fiabhruis, ach a chionn gu ’n robh iad air am measgadh le nadur puinnsean, chuir iad anns a’ chaitheamh i. Thainig an sagart ’ga coimhead á Erlenbrunn, agus dh’ asluich e oirre ’s a’ h-uile doigh bu chiuine an t-aithreachas a dheanamh, a smaointeanan atharrachadh, a cridhe ’thogail far gach ni talmhaidh, agus sealltuinn suas ri Dia. ’S ann a chaidh i ni bu mhiosa: dh’ fhas i coltach ri neach a bhitheadh leth-ghorach. Sheall i cho neonach air an t-sagart, agus thuirt i: “Cha ’n ’eil fhios agam gu de a’s ciall duibh ann a bhi teagasg aithreachais domhsa. Na ’n toisicheadh sibh ri teagasg do ’n mharasanta a chuir an t-airgiod a dhith oirnne, bhitheadh rud-eigin de thoinisg ann. Ach air mo shon-sa dheth, tha mi ’m barail gu bheil mi math gu leoir. Fhad ’s a’s cuimhne leam, bha mi dol do ’n eaglais a h-uile Dònach, agus a’ gabhail m’ urnaigh a h-uile latha. Fad mo bheatha cha d’ rinn mi dad ach caontachd, agus bha mi ’n am shampull air an t-subhaile cho math ’s a th’ ann—deagh bhanas-taighe. Cha ’n urrainn duine air an t-saoghal olc a chuir as mo leth, agus cha do chuir mi riamh duine bochd a bha ’g iarraidh na deirce air falbh falamh bho m’ dhorus. Nise, bu toigh leam a chluinntinn gu de an corr a b’ urrainn neach a dheanamh? Shaoilinn gum bu choir do m’ shagart paraisde smaoineachadh gur mi aon de ’n fheadhainn a b’ fhearr ’s bu chearta ’na sgireachd.” Chunnaic an sagart gu ’m feumadh e ’n gnothuch a chuir na bu shoilleire m’a coinneamh, mu ’n d’ thugadh e atharrachadh aisde. Sheall e dhi gu soilleir gu ’n d’ thug i gaol do ’n airgiod os cionn gach ni; gu ’n d’ thug i a chreidsinn oirre fhein gu ’m bu steornadh a bh’ ann ’s an t-sannt mhosach a bha i deanamh, agus gu ’r e a bh’ ann, da rireadh, nadur de dh’ iodhal-aoraidh; agus gu ’n robh an droch fhearg leis an robh i dol far a siubhail ’na buaireas ’s na peacadh cho mor ’s a bh’ ann. Sheall e dhi gu ’n robh i gann de chiuine ’s de dh’ fhoighidin—na subhailcean cho gràdhach ’s cho riatanach ’s a bh’ ann; gu ’r h-iomadh latha truagh a bh’ aig a ceile-posda air saillibh a droch naduir ’s a sannt; gu ’n a dh’ fhògair i an dilleachdan bochd, Màiri, agus gu ’n d’ fhuair i air falbh as a tigh a h-athair ’s a mathair cheilidh—an fheadhainn sin a bha e mar fhiachaibh oirre modh is gràdh a thoirt daibh, mar gu ’m b’ iad a pàrantan fhein; nach do cho-lion i, ’dh’ aindeoin a beairteas àinte na carranachd, chionn ged a bha i ’toirt greim de dh’ aran no lan an duirn do mhin do na bochdaibh, cha b’ ann leis an inntinn cheart a bha i ris, ach gus am faighinn air falbh o’n dorus. Leis cho suarach ’s a bha i ma ’n charranachd a chleachdadh, cha d’ thug i riamh tomhas de ghràn, ’na feum do bhochdaibh an taighe, ged a bha na miltean aic’ air an stòradh suas an taigh an t-sil. Bha a tabhartas, ’nuair a bhiodh cruinneachadh ri dheanamh de dh’ fheadhainn air an d’ thigeadh call le teine no le mi-fhortan ’sam bith, daonnan leibideach agus neo-luachmhor. Chaill i a beairteas leis am faodadh i moran feum a dheanamh air saillibh a sannt ’s a’ reidh aird, agus ghiorraich i a saoghal fhein. Bha i, ’rithisd, gann de ’n cheud ni ’tha riatanach de Chriosdaidh—gaol Dé agus ur coimhearsnaich. Sheall e ’rithisd dhi, ged a bha e na dheagh chleachdadh a bhi dol do ’n eaglais a dheanamh seirbheis Dé, nach robh e gu feum sam bith dhise bho nach robh i ’fas na bana-Chriosdaidh na b’ fhearr; agus nach robh a h-urnaigh ceart bho ’n a bha i tighinn o chridhe a bha cho falamh de ghaol Dé. Ach cha leigeadh i leis an t-sagart a dhol ni b’ fhaide; thoisich i ri caoidh ’s ri eigheach a mach: “Is mi, gun teagamh, creutair a’s mi-fhortanaich ’s an t-saoghal; cha chuir duine sam bith suas leam; ach cha chreidinn gu ’m bitheadh mo shagart-paraisde fhein cho cruaidh orm. Cha d’ rinn mise sian riamh air, ged tha e cho fad’ am aghaidh ’s ’gam dheanamh cho dona.” Thog an sagart còir leis ad ’s a bhata agus dh’ fhalbh e mach as an taigh, ag raitinn gu bronach ris fhein, “Mo chreach! ach cho duilich ’sa tha e cridh’ us inntinn nam feadhnach a tha air an lionadh leis an t-saoghal so a thogail suas ri neamh. Agus cho fad ’s a tha iad bho na subhailcean ’s bho ’n mhathas cheart! Tha iad a smaointean gu ’n toilich iad Dia le beagan fhacal o bharr na teanga, agus gu ’n comhlion iad an dleasanan do ’n coimhearsnaich le corran beaga ’bhios air a’ mhoran. ’S a’ cheart àm cha ’n ’eil an cridhe sian ni ’s fhearr; cha ’n e sin uil’ e, ach tha iad ’n an doille a’ toirt a chreidsinn orra fhein gu ’r e mathas a tha anns an olc!” An am a bha e ’dol seachad air a’ ghàradh sheall e stigh ann, agus chuimhnich e cho amaideach ’sa tha iadsan a tha smaointean gu ’n dean moran bearteas duine fhagail sona. Dh’ aindeoin bearteas is maoin shaoghalta a bhoirionnaich so, cha ’n fhac i uiread do shòlas ’s a fhuair Màiri ’s a ghàradh bheag so am measg nam flurs. Bha moran aig bean an tuathanaich ri fhulang fhathast. Bha i ’casadaich fad na h-oidhche, agus leis a chruas cha duirigeadh i urad a’s boinne de dh’ fhion no lan spàine de bhrochan a ghabhail; agus ré a tinneas bha i air bheag earbs’ ’an Ni Math, ’s cha mho bha i foighidneach na striochdte da thoil. Rinn an sagart a dhichioll air a toirt gu rathad. Anns na laithean ma dheireadh bha i sealltuinn beagan de choltais aithreachais, bha i na bu chiuine ’s na bu striochdte, ach bha e ’an teagamh gu ’n d’ rinn i an t-aithreachas firinneach. Chaochail i gle og, na h-iobairt mhuladaich da ’sannt ’s da ’spiocaireachd, agus na dhearbhadh eagallach gu ’m faod maoin shaoghalta, an aite daoine ’dheanamh sona, a bhi na aobhar moran truaighe. (Ri leantuinn.) AN DILLEACHDAN. EADAR. O’N BHEURLA. Aig an àm ’sam bheil ar sgeul a’ tòiseachadh, bha carbad-puist ’na ioghnadh cho mor ann am baile beag Thorndean ’sa bhiodh gùintean sioda an eaglaisean dùthcha ri linn ar sinn-seanmhairean; agus air do aon de na h-uidheaman sin tarruinn suas aig dorus an aon taigh-òsda bha ’sa bhaile, ghreas gach aon de ’n t-sluagh, sean us òg, a chuala fuaim nan cuidhlichean, dh’ ionnsaidh na sràide. ’Nuair a dh’ fhairich bean an taigh-òsda an carbad a tighinn, chuir i i-fhéin gu grad an uidheam na b’ fhearr le currachd grinn ùr agus aparan geal a chur uimpe; agus a sior cheangal an aparain air a beulaobh, ruith i dh’ ionnsuidh an doruis, a gnogadh a cinn, ’s le fiamh aoidheil a cur fàilte orra-san a bha anns a charbad ged nach robh i fhathast ’g am faicinn, oir cha robh an carbad gu ruige so air fhosgladh. A’ bhean bhochd! cha robh mor chothrom aic’ air modh an taigh-òsda ionnsachadh; cha robh i ann ach ùine ro-ghoirid roimhe so, agus cha robh luchd-turuis a taghal oirre ach ro-ainneamh. Mu dheireadh dh’ fhosgail an carbadair an dorus agus leig e sios gu modhail, cùramach, boirionnach a bha air a comhdach ann an culaidh bantraich; leum nigheag bheag, mu aois choig bliadhna, le falt bòidheach buidhe sios gun chuideachadh, agus rug i air laimh oirre. “Nach bòidheach i ars iadsan a bha timchioll nuair a chunnaic iad am pàisde lurach ag amharc suas an aodann a màthar. Choisich a bhean le ceum mall gu dorus an taigh-osda, agus ged nach robh bean an taighe uile gu leir cuibhteas a clisgeadh, ’s ged a bha beagan crith ’na laimh, fhritheil i air na h-aoidhean a thainig oirre ’s gun dùil riutha le caoimhneas us irioslachd a b’ fhearr gu mor na ealamhach us grinneas nam ban sin d’ an obair a bhi freasdal air muinntir eile. Mu uair an deigh dhaibh tighinn chunnacas i fàgail an taighe, ’s air le muinntir a bhaile gu robh coltas mor gnothuich oirre. Bha iad fhathast nan grunnan mu na dorsan, agus air meadhon na sràide a bruidhinn mu ’n dithis choigreach a thainig do ’n bhaile; agus ’nuair a bha ise greasad air ceann a gnothuich, cha bu bheag an àireamh cheist a chuireadh oirre. “Am bheil fhios agad co i?” “An e bean-uasal a th’ innte?” “Am bheil barail sam bith agad ciod a thug an so i?” agus “Fhios an ann leatha fhéin a tha ’n creutair bòidheach nighinn ud?” Ach do na ceistean so uile cha d’ thug i de fhreagairt ach, “Bithibh sàmhach! cha ’n eil ùin’ agam air son bruidhinn an drasda;” agus ghabh i seachad. Stad i aig dorus taighe a bha beag ach a bha toirt bàrr air taigh sam bith eile ’sa [TD 123] [Vol. 9. No. 16. p. 3] bhaile ann an grirmeas ’s an deagh chumail. Bha e air a chumail le Mairi Nic Dhùghaill, boirionnach ciùin, siobbalta, a bha gle mheasail,—bantrach ministeir. A h-uile samhradh bha i a toirt seachad cinn shios an taighe air mhàl do mhuinntir a bha tighinn do ’n dùthaich air son an slàinte, no air son a bhi seachduin no dha air falbh o throimhe-cheile ’n t-saoghail. B’ fheudar dhi so a dheanamh gus i-fhéin a chumail suas, oir cha robh a cuid dhe ’n t-saoghal mor; agus ged a bha i dichiollach, deanadach, agus cùramach mu gach ni, bha i ’ga fhaotainn doirbh gu leòr a h-aran làitheil a chosnadh. An ceann beagan mhionaidean chunnacas Nic Dhùghaill, ’na currachd geal, neapaigin muslin mu h-amhaich, gùn briagha dubh us aparan mar an sneachda, a dol air ais comhla ri bean an taigh’-òsda. An ùine ghoirid thill i, ’sa bhana-choigreach air ghairdean aice, ’s a chaileag bheag mar uan a’ gearradh leum air thoiseach orra. Chaidh lathaichean agus seachduinean seachad, agus bha daoine ’s mnathan còire Thorndean, a dh’ aindeoin gach ceasnachadh us forfhaiseachadh a rinn iad, cho mor ’san dorcha mu ’n bhana-choigrich a bh’ air chuairt ’nam measg ’sa bha iad an latha ’thainig i. Cha b’ urrainn daibh ni fhaotainn a mach mu deibhinn ach gu ’m bu bhantrach oifigeach-airm i, aon de ’n cheud fheadhainn a thuit air taobh Bhreatunn anns a chogadh Fhrangach; agus thainig am màthair ’s an nighean gu bhi dol fo ’n ainm “Da dhealbh Nic Dhughaill” anns a bhaile—ainm a thug an sluagh orra a chionn iad a bhi le cheile cho fior mhaiseach. Ach cha chaomhain an teachdaire gruamach maise no boidhchead, agus leag e a lamh fhuar air cridhe na màthar; uair a bhiodh a gruaidh bàn mar an lili thràth, agus uair a bhiodh i mar an ròs no mar am bogha-frois. Mu ochd miosan an deigh dhi tigh’nn gu ruige Thorndean, ’s i fhathast a bruadar mu dhol am feobhas, thainig am bàs oirre gu balbh, sàmhach, mar gu ’n tigeadh ciùin chadal. B’ ann beagan mhionaidean mu ’n do thilg an t-aingeal an gath marbhteach a thuig i gu robh a chrioch a tighinn. Bha i sineadh a làimhe dh’ ionnsuidh na bascaid-obrach, bha am paisde gaolach a cleasachd mu glùinean, agus Nic Dhùghaill ag amharc oirre gu blàth, càirdeil mar phàrant, a feuchainn ris na deòir a bha ’na sùil a chumail an cleith le fiamh a’ ghàire, ’nuair a dh’ fhas anail a ban-aoidh troin, cuingeil, agus an ruthadh a bha mionaid roimhe sin ’na gruaidh, shearg as mar fhaileas. Thilg i a lamhan laga mu mhuineal a h-ighinn a bha nise caoineadh ’na broilleach, agus ghlaodh i—“O! m’ Ealasaid bhochd! co ghabhas cùram dhiotsa nise—mo dhilleachdan beag bochd? Leum Nic Dhùghaill g’a cuideachadh. Thuirt i gu robh moran aice ri innse, agus dh’ fheuch i ri bruidhinn; ach cha robh ri chluinntinn ’na muineal ach fuaim coimheach a bhàis; dh’ fhàs a h-anail na bu ghiorra; an ruthadh a bha na gruaidh thionndaidh gu guirme, a falbh ’sa tighinn mar fhir-chlis na h-àirde tuath; dh’ fhàs a sùilean car tiotadh ni bu bheothaile na ’s còir do shùilean bàsmhor a bhith, agus shiubhail an spiorad. Bha ’n dilleachdan bochd fhathast ’sa làmhan mu muineal, agus a pògadh bilean blàtha na màthar a bha nise gun deò. Bha i tuilleadh us òg gus i thuigsinn cho truagh ’sa bha a suidheachadh, ach bha i da-rireadh ’na dilleachdan anns an t-seadh bu chruaidhe dhe ’n fhacal. Chum a màthair a trioblaidean agus eachdraidh a beatha an cleith, agus cha do dh’ fheuch Nic Dhùghaill riamh ris an diomhaireachd fhaotainn a mach. Agus a nise bha i air a fàgail gu bhi ’na màthair do ’n phàisde, oir cha robh fhios aice co-dhiubh a bha no nach robh luchd-daimh aice; agus na bh’ aice de dh’ eachdraidh beatha na màthar, bha e sgriobhte air a chloich a chuir i aig ceann na h-uaghach:—“An so tha tamh corp Iseabal Mhorton, bantrach Chaiptin Mhortoin; bu bhana-choigreach i ’nar measg ach ghradhaich sinn i.” Cha robh air fhagail aig an dilleachdan le bàs a màthar ach gann leth-cheud punnd, agus am measg na h-innsridh cha robh litir no sgriobhadh eile air fhaotainn a thilgeadh solus sam bith air co bu daoine dh’i, no an robh gin dhiubh beò. Ach bha a bhean chòir na cridhe blàth an deigh gabhail rithe cheana mar nighinn, agus ged nach bu phailt a crannchur fhein, bha earbsa aice gu ’n deanadh Esan a bha cumail am bidh ri eunlaith an adhair greim a chur a dh’ ionnsuidh an dilleachdain. (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XVII. PILLEADH NAN GAEL A SASUINN. Fhuair am Prionnsa fios ann an Derbie gun tàinig Morair Iain Drumainn, bràthair Dhiùc Pheairt, air tìr ann am Montròse le feachd lionmhor as an Fhràing a chum còir a’ chumail ri Tearlach an aghaidh Shasuinn. Air an treas latha fichead de mhios dheireannach an Fhoghair ràinig Coirneil O’Brian, Marcus D’ Argenson, a bha mu ’n àm sin a’ chonaidh ann a’ Fontainbleau, baile beag màrgaidh a tha ma thuaiream deich mìle fichead bho Phàrais, (priomh bhaile mor na Fràinge,) an Rìgh Fràngach, agus dh’ aslaich se air comhnadh le Tearlach Stiùbhart Prionns Alba, an aghaidh a dhearg nàmhaid, Impire Hanobher.* Thuirt an Rìgh gur h-e bha deònach, agus chuireadh seòl gun dàil air feachd a chuir cruinn agus thaghadh brod nan daoine as na reiseamaidean Fràngach agus Eireannach, agus ma mheadhon ciad mhios a’ gheamhraidh sheòl 1000 fear bho Dhunkirk am Flanras le pailteas àrmachd agus goireasan eile; thàinig iad so gu léir air tìr sàbhailt ann am Montròse air fior dheireadh ciad mhìos a’ gheamhraidh, ach ma thuaiream ceud fear a ghlac long bheag Shasunnach. Cho luath sa’ dh’ fhàg Morair Drumainn an Fhràing thòisich luchd-riaghlaidh agus àrd uaislean na rìoghachd sin le òrdugh an rìgh air togail feachd ro laidir a bha iad gu chuir air tìr air oirthire deas Shasuinn, chaidh dheich mìle fear a chuir cruinn ann an ùin ro ghearr a chum na crìche sin, agus chaidh Prionns’ Eannraig Stiùbhart, brathair a b’ òige Thearlaich, a thoirt a Parais a chum Sasuinn a ruidhinn air cheann an airm Fhràngaich; chaidh gach goireas a chuir ann an deagh òrdugh a chum na còmhraig, agus ghabh an Rìgh Fràngach a chead dheth na Prionns òg, ag ràdh ris gu’n gabhadh e dh’ innear maille ris, le sìth as sàmhchair ann an Lunnainn air an naoidheamh latha fichead de mhìos mheadhonach a’ gheamhraidh. ’Nuair a bha ’n cabhlach Fràngach deas gu dhol fa-sgaoil, thàinig fios á Sasunn gun robh na Gàeil air gabhail an teichidh do dh’ Albainn. Nan robh na Gaeil air gabhail air an aghaidh bha ’n fheachd Fhràngach, trà gu leòir ann an Lunnainn gu comhnadh leo; agus a réir gach coltais bhiodh sliochd nan rìghrean dùthasach air an cuir an dàil an còrach le ro bheag spàirne. Moch sa’ mhadainn, air an chuigeamh latha de’n mhìos, ràinig am Prionnsa Derbie, air chath-chrith gu dhol air aghaidh le dòchas gun tugadh an fheachd Fhràngach coinneamh dhaibh faisg air Lunnainn. Bha ’n àrmailt gu léir ann an deagh mhisneach agus “mar choin air éil” air son a bhi ga ’n cumail bho thoiseachadh air feachd Dhiùc Uilleam; bha iad gu léir an dùil gun robh iad gu toiseachadh air am arm-dhearg ás a’s ás; agus thoisich cuid dhiù air bleth an claidheannan anns na ceardaichean, agus cuid eil air gabhail Sàcramaid Suipeir an Tighearn’ anns na h-eaglaisean, thaobh gur h-e bàs no buaidh air an robh iad an geall—ach mo sheachd truaighean! Is beag a bha dh’ fhios aig na laochraidh threuna gun robh an luchd-treorachaidh do chaochla aignidh! Air madainn a’ chuigeamh latha de ’n mhìos chaidh na h-uaislean do dh’ ionad ar leth a chuir an comhairle cuideachd, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Thuirt Morair Seòras Moireach agus a’ chuid mhòr dheth na h-uaislean gun robh iad am barail gum b’e gnothach bu ghlic an armailt a theicheadh gun dàil do dh’-Alba, a thaobh gun robh iad gu bhi air an cuartachadh le trì armailtean laidir dheth na naimhdean; ’nuair a rachadh iad so cuideachd bha iad ma thuaiream 30 000 fear. Na’m be ’s gun tigeadh iad an àite buille do dh’aon de na h-armailtean so, agus buaidh na làrach a chall, cha ’n fhaigheadh duine dhiù ás le’m bheatha. Mar a tuiteadh am Prionnsa féin sa’ chath, rachadh a’ ghlacadh leis na nàimhdean agus a cheann a sgaradh gun tròcair dheth a mhuineal. Thuirt Tearlach féin nach robh e meas gach cunnard dhiù sin ach mar ni gun diù; agus dh’ aslaich e gu dion air na Fineachan iad a dhol air an aghaidh. Thuirt e gum faodadh gaoid a bhi anns an arm-dhearg a bheireadh air cuid dhiù éiridh leis-an. ’Nuair a chunnaie Diuc Pheairt gun robh am Prionnsa cho tìtheach air a dhol air aghaidh thug e aonta gun bu chòir sin a dheanamh. ’Nuair a chunnaic Tearlach gun robh iad gu léir ach Diùc Pheairt, ain-deonach air a’ dhol air an aghaidh, thuirt e gum b’ fhearr leis na pilleadh rathad Charlisle, a dhol do Wales, ach thuirt na h-uaislean gu léir, gum b’ fhearr dhaibh teicheadh. ’Nuair a chuala Tearlach so bha chràdh cridhe cho mòr is nach do labhair e smid ri iosal no uasal fad chairteal na h-uarach an deigh sin. Sgaoil an luchd-comhairle ma fheasgar, le òrdugh gun robh an t-arm gu teicheadh air ratreat moch sa’ mhadainn a màireach! Air do Thearlach a dhol a steach air tùs do Shasuinn sheachainn a mheud dheth na Sasunnaich ’sa bh’ ann an deagh rùn da aobhar comunn no còmhradh a dh’ aon chuid, a bhi aca ris féin no ris na Gáeil, a thaobh nach robh iad a faicinn coltas sam bith gun tugadh feachd cho lag buaidh air armailt lionmhor rìgh Deòrsa, agus nan tarladh dhaibh a dhol san eidriginn, bha iad a faicinn nach robh n’a b’ fhearr no ’m bàs a feitheamh orra air son an saoithreach,—ach fa-dheoigh air dhaibh a bhi faicinn cho misneachail sa’ bha na Gàeil a dol air an aghaidh, agus fathunn a bhi dol mu ’n cuairt gun robh feachd Rìgh na Fràinge gu thighinn ann an ùin ghearr thar chuan, dh’ eirich iomadh dhiù, agus bha iad air an turas gu feachd nan Gàel a ruidhinn an uair a chual iad gun robh an t-àrm air teicheadh do dh-Alba. Dh-éirich àireamh lionmhor ann a Wales, Gàeldachd Shasuinn, chum Thearlaich a chomhnadh, agus choisich iad ma leth cheud mìle dh’ uidhe chum a thighinn fo ’bhrataich, ach air dhaibh a’ chluinntinn gun do ghabh àrmailt an ratreat phill iad gu léir dhachaigh. Is meoir dheth an aon chraoibh na Welsich agus na Gàeil againne, agus a thaobh cruadail, gaisge, agus misnich, is iad de shluagh (Air a leantuinn air taobh 126). *Righ Scoras. [TD 124] [Vol. 9. No. 16. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OCTOBER 19, 1900. Facal Misnich o “Dhomhnull.” FHIR MO CHRIDHE:—Tha e toirt toileachadh dhomh a bhi tuigsinn gu bheil na Gàidheil a dol an guaillibh a chéile gu tuilleadh neart a thoirt do ’n MHAC-TALLA. ’S mor na dh’ fheudas aon duine dheanaibh de mhaith. Mar b’e litir “Chaluim a’ Ghlinne” cha ’n eil fios an smaoinicheadh duine againn air ar dleasdanas a dheanaibh. Ach their mi so os leith mo luchd-dùthcha: feudaidh iad a bhi dearmadach, somalta gu leòr air uairibh ach tuigeadh iad aon uair ciod e an dleasdanas; biodh e air a dhearbhadh dhaibh ciod is còir dhaibh a dheanamh, agus co bheir bàrr orra ann an dùrachd agus am beò-thogradh gus an dleasdanas sin a chur an gniomh? Tha mi de ’n bheachd gu bheil tonn mhor de ghabhaltaichean ùra gu bhi aig a MHAC-TALLA air an fhoghar so. Car son nach biodh? Tha am Freasdal air bliadhna mhaith a thoirt do ’n dùthaich so, agus tha mi cinnteach gu bheil an roinn fhein aig na Gàidheil de’n t-soirbheachadh a th’ ann. ’S beag a dh’ ionndraineas iad dolar am fear a thoirt air son bliadhna de ’n MHAC-TALLA. O’n tha cach a deanaibh cho math cha ’n fheud mise bhi air dhearadh. Cluinnidh tu an ùine nach bi fada a ris bho Do charaid, DOMHNULL. Litir Bho “C. C.” FHIR-DEASACHAIDH:—Tha mi aig an àm so a measg mo chàirdean an Ceap Breatunn, agus a toirt beagan de sheirbheis Ghailig do m’ luchd-dùthcha aig Whitney Pier. Bha mi ’n duil mu’n dh’ fhàg mi mo dhachaidh an Eilean a Phrionnsa gu ’n robh an luchd-àiteich an so cho Gallda ri ainm a bhaile; ach bha mi fada air mo mhealladh. Cha ’n eil ach fior bheagan de Ghoill ann air fad. ’Se baile cho Gàidhealach ’s anns an robh mi o cheann iomadh latha; agus tha e na bhaile cho rianail, stuama agus anns an robh mi riabh. Thainig fear-reic deoch laidir do ’n aite so o cheann beagan ùine. Dh’ fhosgail e bùth-òil ’s e ’n dùil fhortan a dheanabh gun dàil. Ach bha car eile an ruile ’bhodaich. Chaidh fios a mach air feadh a bhaile gu ’n robh droch tholl air fhosgladh ’s gu feumte dhùnadh, air neo gun deanadh e call. ’S ann mar sin a bha; chruinnich na Gàidheal de gach creud us eaglais ’s champaich iad dlùth do’n ait anns an robh an t-olc. Chuir iad teachdaireachd a dh’ ionnsaidh fear na deocha a dh’ innse dha na ’m fàgadh e am baile air ball gu ’m faigheadh e an falbh le sith; ach mur falbadh e dh ’a dheoin gu falbhadh dh’a aindeoin. Thuig e nach robh feum a bhi call ùine. Phaisg e chuid, ’s air an fheasgar sin fhéin dh’ fhàg e cead dearannach aig Whitney Pier. Gu ma fada bhios na Gàidheil comasach air an t-aite chumail glan bho dheòch làidir. Tha mi toilichte fhaicinn ann am litir “M. D.” gu bheil na sean mhnathan còire, Caitriana Dhomhnullach agus Eilidh Sheochd gu slan fallain. ’S maith a b’ aithne dhòmhsa na mnathan sin latha dh’ an robh mi. Bha làn dhùil agam ri té dhiùbh fhaicinn air an turas so, ach mur faic cha’n eil àrach air. ’S maith i bhi slan, fallain far a bheil i. Tha e na ghnothach gle iomchaidh gu ’m biodh gach neach tha faotainn a’ MHAC-TALLA ga mholadh do mhuinntir eile nach eil ga ghabhal ach do ’m bu choir a bhi ga fhaotuinn. ’Sann mar sin a tha na paipearan Beurla air an cumail suas ’s air an neartachadh. Is mise, le mor dhùrachd Do charaid dileas, C. C. Call nam Breatunnach. Leis cho doirbh ’sa bha e fiosan earbsach fhaotainn á Africa mu dheas ’nuair a bha ’n cogadh a dol air adhart, cha robh e soirbh a dheanamh a mach cia cho trom ’sa bha an call air taobh nam Breatunnach. Tha an clàr a leanas, air a chur am mach le oifis a chogaidh an Lunnainn, a toirt cùnntas na’s mionaidiche na fhuaireadh roimhe so:— Oifigich. Daoine. Mharbhadh ’sna blair 285 2,718 Bhàsaich le leoin 86 797 Air chall ’s am priosan 12 809 Chaochail am priosan 3 86 Chaochail le tinneas 140 5,582 Mharbhadh le sgiorraidhean 3 107 Chuireadh dhachaidh tinn 1,239 28,199 1,777 38,298 Uile gu leir, 40,075. Iarr air do nàbuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA a chum gu faigh e an sgeul ùr—“O Chionn Tri Fichead Bliadhna”—an sgeul ’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. ’S fhiach i a leughadh. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 125] [Vol. 9. No. 16. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha liberals Victoria an deigh an t-Onorach Uilleam Ros ainmeachadh gu ruith air son na h-àrd-phàrlamaid anns an t-siorrachd sin. Thatar ag radh gu ’n d’ fhuaireadh gual aig Loch Ainslie o chionn ghoirid le dithis ghillean a bha mach a sealg thunnag. Ghabh na gillean lease dhe ’n àite ’s an d’ fhuair iad e, agus tha iad a dol a chladhach dh’ fheuch am bheil a bheag ann dheth. An uair a chaidh iad a chogadh ris an Spàinn air son saorsa Chuba ’s nan eileanan eile bha deanamh ceannairc ’na h-aghaidh, ghabh na Stàidean an àite am measg rioghachdan mora an t-saoghail, agus tha e ro-choltach gu’n cùm iad an t-àite sin. Ach tha iad ga fhaotainn ’na urram a tha gle chosgail. Roimhe sin cha robh an t-arm a cosg dhaibh ach suim bheag na h-uile bliadhna. A nise tha cosguis an airm air direadh dlùth air da cheud millean dolair ’sa bhliadhna. Rinn stoirm na seachdain s’a chaidh call mor air feadh siorrachd Inbhirnis. Bha saibhlean air an leagail ann an caochladh àiteachan, ’s bha soithichean air an cur air tir aig na cladaichean. Ann am Mabou bha deich no dusan sabhal air an leagail, agus sia no seachd ann a Hogamah. Bha àireamh air an leagail air taobh an iar Loch Ainslie, agus bha derrick a bh’ aig cuideachd na h-olla agus muileann-sàbhaidh air an cur as a chéile. Cha d’rinneadh call sam bith air taobh an ear an locha. So an t-àm anns am bi a chuid mhor de na paipearan-naigheachd a deanamh moran seanchais mu luchd na pàrlamaid, a toirt mi-chliù orra-san a tha ’nan aghaidh agus deagh-chliù orra-san a tha air an taobh. Tha na paipearan moran na ’s fhearr anns an dòigh sin na bha iad ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh, ach cha bu mhisd’ iad a dhol beagan am feobhas fhathast, agus ’se ’n duine glic nach toir làn chreideas do gach ni a chluinneas e o thaobh seach taobh, oir tha iad buailteach air a bhi fiaradh na firinn ann an stri taghaidh. Cha ’n eil iadsan a tha air taobh seach taobh cho olc ’sa their an naimhdean no cho math ’sa their an càirdean a tha iad. Tha Crugar ann an Africa mu Dheas fhathast ’na aoidh aig riaghladh Phortugal. Tha e da-rireadh na phriosanach aca, oir cha ’n fhaigh e dhol taobh sam bith gun chead fhaotainn uapa-san a tha ann an ùghdarras, agus cha mho a dh’ fhaodas e uair sam bith a bhios e mach labhairt ri cho-luchd-dùthcha. Fhuair riaghladh na h-Olaint gealladh o ’n riaghladh Bhreatunnach nach cuirte dragh sam bith air an luing-chogaidh air am bheil e gu bhi air aiseag do’n dùthaich sin, ach ’sann air chumha nach biodh e air a cheadachadh dha airgead no paipearan-stàite sam bith a thoirt leis Cha do chaill Crugar fhathast a dhòchas gu’n teid cuid de rioghachdan na h-Eòrpa ’san eadraiginn ’s gu’n toir iad air Breatunn rioghachdan beag nam Boereach fhàgail mar a bha iad romh ’n chogadh. Ach cha bhi e ro-fhada ’s an Roinn-Eorpa ’nuair a chailleas e an dòchas meallta sin. Cha robh iasgach an truisg cho math ann an Newfoundland am bliadhna ’sa bha e ’n uiridh, ach rinn na h-iasgairean gle mhath an àiteachan. Chuir na stoirmeannan a bh’ ann o chionn ghoirid call mor air cuid dhiubh. Thuit Seumas McLaughlin marbh air an t-sràid ann an Souris, E. P. I., maduinn Di-haoine s’a chaidh ’se ruith le cabhaig a bhreth air an tréin a bha gus an cala fhàgail. Bha e 54 bliadhna dh’ aois, agus air aon de na daoine bu mheasaile bh’ anns a bhaile. Dh’ fhàg e bantrach us dithis chloinne. Is còir dhaibhsan a tha ’gabhail MHIC-TALLA na h-uile àireamh dheth a ghleidheadh gu cùramach, oir an ceann beagan bhliadhnaichean bidh iad gle luachmhor. Tha sinn cheana gu tric a faotainn litrichean o mhuinntir a’ feòrach air son àireamhan nan ochd bliadhna chaidh seachad, agus iad deonach pris mhath a phàigheadh air an son. Tha an taghadh ann am Breatunn seachad, ged a tha àit iomallach no dha o nach cualas fhathast. Tha 669 fear-pàrlamaid air an taghadh, agus dhiubh sin is Unionists 400, agus Liberals 270. Tha an riaghladh mar sin gu math na’s làidire na bha e anns an t-seana phàrlamaid. Bidh a’ phàrlamaid ùr air a fosgladh air a’ cheud latha dhe’n ath mhios. O’n chaidh Mr. Cuimein fhasdadh leis a bhaile mar inspector fo’n Scott Act, chaidh suas ri deich air fhichead de luchd nan taighean-òil fhineadh leth-cheud dolair am fear, agus a seachd no h-ochd, a fhuaireadh ciontach an darra uair, ceud dolair am fear. Chaidh mar an ceudna fiach dha no tri cheudan dolair de stuth laidir a ghlacadh ’sa dhòrtadh dh’ an acarsaid. Tha àireamh de’n luchd-reic an deigh sgur gu buileach, ’s tha moran de chàch nach eil a’ creic cho follaiseach ’sa bha iad. Tha aon àite sonruichte anns am b’ abhaist a bhi deanamh moran gnothuich na h-uile latha Sàbaid a bha dùinte la na Sàbaid s’a chaidh. Bha stoirm mhor ann oidhche Diordaoin air an t-seachdain s’a chaidh. Cha do mhair i aig a làn neart ach mu thri uairean, ach rinn i call mor fhad ’sa mhair i. Chaidh àireamh de shoithichean a bha air acair aig Sidni Tuath a thilgeadh air tir, agus bha da shoitheach a bha ’n ceangal ri laimhrig air am bristeadh cho dona ’s gu ’n deach iad fodha. Bha te dhiubh sin luchdaichte le flùr us biadh eile, a bha iasgairean a mhuinntir Newfoundland, a toirt dhachaidh air son a gheamhraidh, agus chaill na daoine bochda cosnadh an t-samhhraidh. Bha taighean ussaibhlean air an leagail anns gach àite bha nochte ris a ghaoith. Timchioll a Bheighe ’n Iar bha call mor air a dheanamh anns an dòigh sin, agus a rithist ann a Hogamah, Mabou, Port Hood agus an cois nan cladaichean a deas air sin. Ann an siorrachd Antigonish, bha còrr us leth-cheud sabhal us taigh air an leagail, agus bha bean d’am b’ainm Nic Ncachtain air a marbhadh. Rinneadh call mor an Eilean a Phrionnsa cuideachd. Aig Georgetown dh’ éirich an lan ochd troighean na b’ àirde na chunnacas e riamh roimhe. Stor nan Sutharlanach an stor a’s fhearr an Sidni air son Caiseart agus Aodaich. Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7.20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7.20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein. DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw,” LEATHAR UILE, air $1.15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1.40. H. H. Sutherland & Co. An Stor Thormaid Dhomhnullaich. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILECEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 126] [Vol. 9. No. 16. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 123). a chruinne as faisg a théid air na Gàeil Albannach anns gach euchd agus fearra-ghniomh. Na ’n robh iad so agus na Fràngaich air tighinn ann an ceann airm Ghàelaich bhiodh eachdraidh eile ri innse ma “Bhliadhna Thearlaich.” A thaobh nach cuala na saighdearan, no na h-oifigich Ghàelach an òidhche sin gun b’e rùn nan uaislean teicheadh, ’nuair a ghluais iad air fìr thùs na madainn’ an ath latha, le sùil gun robh iad a’ triall ann an coinneamh Dhiùc Uilleam agus an airm-dhéirg, bha iad gu léir ann an deagh shunnt agus ann am fonn còmhraig; ach cho luath sa shoilleirich an latha, sa dh’ aithnich iad le cotharraidhean a bha iad a cuir air na clachan-mìle le ’n claidheannan, mar bha iad a dol air an aghaidh, gun robh iad a nise pilleadh dhachaigh gun bhuaidh, cha chluinnte measg na h-armailt gu léir ach osnaich thùrsach agus gearan! Ged a bha mulad nan daoine mu’n àm so mòr, bu bheag e seach mulad a’ Phrionnsa féin; bha gach dòchas a nis’ air seargadh na uchd; agus bu léir a bhlà air a mhala chaoin, chairdeil,—cho fad sa bha e dol air aghadh le buaidh, chuir e gach cruaidh-chas agus dosgainn ann an neo-bhrìgh, b’e féin a chiad fhear de’n fheachd a bhiodh air a bhuinn anns a’ mhadainn a’ cuir an airm an òrdugh agus a bhrosnachadh nan daoin’ air aghaidh; ach a nise, bhiodh an armailt gu léir deas gu triall mu’n eireadh e, agus is gann gun canadh e facal connaltraidh ri iosal no uasal bho mhoch gu dubh. Bha teicheadh no ratreat an airm aig an àm so air a stiùradh le diomhaireachd, seòltachd, agus sgil, air alt is gu ’n robh iad mar bu tric’ astar dha latha air thoiseach air an arm dhearg mu ’m bu chomasaich do Dhiùc Uilleam a mheasrachadh ciod i ’n t-slighe a leanadh e air an ruaig, ach air dha brath cinnteach fhaotainn air an taobh a theich iad, chuir e mìle fear dheth na saighdearan coise air muin each as an dheighe agus e féin air an toiseach, ghabh e rathad Chonventry tro fhìr dhroch ròidean a tha treorachadh tre Ultoxester agus Cheadle agus thainig e gu Macclesfield air feasgar an deicheamh latha de ’n mhìos, da latha an deigh do na Gàeil am baile sin fhàgail. Chaidh innse dha ann an so, an deigh dha na Gàeil imeachd tre Ashbourn Leck agus Mhacclesfield, gun dh’ fhag iad air a mhadainn sin féin Manchester agus gun thriall iad gu Wigan. Feadh sa’ bha na Gàeil a triall air an ruaig bha iad a siubhal cho riaghailteach agus cho beag fiamh ’s ged nach biodh an tòir orr’ idir, agus cha mhò a leig iad leis an nàmhaid an cothrom bu lugh’ fhaotainn orra féin no air an cuid trealaich, ged a bha iad a siubhal da’n cois agus an t-àrm-dearg air eachabh chum iad a ghnà uighe math astair an ceann orra, gun bhuille gun urchair fhaotainn fad dà latha dhiag, agus da’ latha dhiù sin a chuir seachad na’n stad ann am Preston agus ann an Lancaster. Air an dara làtha diag de ’n mhios thàinig marc-shluagh Sheanalair Wade ann an ceann feachd Dhiùc Uilleam. Bha ’n t-àrm dearg a bha nis an tòir air na Gàel ma thuaiream da-fhichead ceud marcach, agus chum iad air an astar bho Phreston tro ròidean a bh’ air fàs ro olc le flichead na h-àimsir. Cuir Diùc Uilleam m’an àm so gairm a dh’ionnsaidh gach luchd-dùthcha mu ’n cuairt, iad a mhilleadh nan ràidean mòra agus gach drochaid a bh’ air gach slighe a bha na Gàeil gu ghabhail a bhristeadh sios: ach ged do chaidh sin a dheanamh, cho luath sa fhuaradh an t-òrdugh, cha mhòr maille chuir e air “fir threubhach nan Garbhchrioch,” ach ’s ann a thionndaidh an t-olc a chaidh a chumadh dhaibh leis an Diùc chum am buannachd. Bha ’n rathad cho olc aig marc-shluaigh an Diùc féin an uair a thàinig iad an déigh nan Gàel, is gun deach an astar am maillead cho luath sa ràinig iad e, air chor is gun d’ fhuair na Gáeil gu ’m math an ceann orra. Ràinig am Prionnsa agus a’ chuid mhòr dheth an àrm Penrith air feasgar an darra latha diag, ach thainig tubaist an caramh cuideachd dheiridh na feachd’ a bha fo chomannda Mhorair Seòras Moireach a thaobh cuid dheth na carbadan a bha giùlan an cuid trealaich a dhol as a chéile le olcas an rathaid chuir so maille air an astar, agus thug e comas do ’n chuid bu luaithe de thrùpairean Dhuic Uilleam athighinn suas riu; an sin thug Morair Seòras òrdugh do Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh a dhol na ’n còdhail, ach theich na trùipairean air falbh, mu’n d’ fhuair na Dòmhnullaich an àite buille no teine dhaibh. Bha’ chuideachd dheiridh air a deanamh suas de Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, fo’ chomannda Iain Ruaidh Stiùbhairt, a bha ma thuaiream dà cheud fear an àireamh, ach m’ an àm so thàinig, Stiùbhartaich na h-Apunn, agus na Bàideanaich, réiseamaid Chluainidh, ’nan ceann, bha iad an sin ma thuaiream mìle fear. An earalas gun tugadh an t-arm-dearg an ath ionnsaidh orra, chuir Morair Seòras Iain Ruadh Stiùbhart air aghaidh gu Penrith a dh’ iarraidh mile fear a thighinn gun dàil a chòmhnadh leis a chuideachd dheiridh. Ma dhol fodha na gréine thàinig feachd Dhiùc Uilleam, (ma thuaiream dà fhichead mìle marcach,) am fradharc na’n dà chuideachd m’a astar mìle ’nan deighe. A chùm a thoirt a’ chreidsinn air an arm-dhearg gun robh feachd nan Gàel n’a bu lionmhoire na bha iad, thug Morair Seòras air cuid dheth na fir bhrataich a dhol air cùl garaidh Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 127] [Vol. 9. No. 16. p. 7] fada sgithich a bha faisg orra, agus an cuid brataichean a sgaoileadh a chum gu’n saoileadh Diùc-Uilleam gu ’n robh feachd lionmhor air cùl a’ ghàraidh. Chaidh Morair Seòras an sin air cheann nam Bàideanach, agus Cluainidh r’ a thaobh. Dh’ iath dallabhrat na h-òidhche nise mu ’n cuairt air chor is nach bu léir dhaibh na nàimhdean, ach air do ’n ghealaich boisgeadh tro na neoil dhubha stoirmeil a bha ga falach, chunnaic Morair Seòras feachd thrùpairean a tearnadh bharr nan each, agus a dlù-theannadh da ’n ionnsaidh mar shaighdearan coise. Air ball dh-òrduich Morair Seòras an dà réiseamaid a b’ fhaisge dhaibh a dhol na ’n còdhail, air dhaibh sin a dheanamh loisg nan nàimhdean làdach ghunnaidhean caol’ orra: cho luath sa chunnaic Morair Seòras, so ghlaodh e:—“claidheamh mòr!” mu’n cunnte seachd bha na Gaeil nam buillsgean, agus thòisich iad air speòltach mar bu nòs daibh a dheanamh le claidheamh a’s sgiath, air chor is gun ghabh an t-eas-caraid ruaig ann am beagan mhineidean.* An deigh an sgiùrsaidh so a thoirt air na nàimhdean ghabh Morair Seòras agus a dhaoine an deigh na mòr-fheachd agus air dhaibh Penrith a ruidhinn leag iad an anail, a’s ghabh iad ùrachadh bidhe. Air an naoidheamh latha diag de mhios mheadhonach a’ gheamhraidh stad an t-àrm Gàelach gu léir ann an Carlisle agus dh’ fhàg iad ann an gearasdan a’ bhaile sin mar fhriceadan Réiseamaid Mhanchester agus àireamh àraidh dheth na réiseamaidean, Macrach, beagan Fhràngach, agus Eireannach, bha ’n àireamh shluaigh a dh’ fhàg iad gu léir anns a’ ghearsdan ma thrì cheud fear. Air madainn an fhicheadamh latha de ’n mhìos thàinig mòr-fheachd nan Gàel ma choineamh a’ ghearasdain a toirt slàn leis a mhuinntir a dh’ fhag iad ann; thàinig am Prionnsa féin dlù do ’n bhalla thoirt seòladh dhaibh mar ghnàthaicheadh siad iad féin gus an cuireadh e ann an ùin ghearr feachd á Albainn a rachadh nan àite; dh’ éisd iad ris le mòr spéis agus ro-airre, an sin ghabh e chead dhiu. Be sin an sealladh deireannach a chunnaic iad dheth na Prionns’ agus dheth an co-shaighdearan, a bha nise a’ dlùthachadh ris an tìr ghràidh nach d’ òrduich dàn dhaibh-sa fhaicinn gu bràch tuileadh! *Anns an arabhaig so ghlac Iain Ruadh Stiubhart gille-eich Dhiuc Uilleam (no mar a their na Goill fein groom) air dha thoirt mar chulaidh-abhachd air cholair a dh’ionnsaidh Thearlach, phill am Prionns e air ais a rithist a dh’ ionnsaidh a mhaighsteir. (Ri leantuinn.) Am bheil thu dol a dh’ fhaighinn fear-gabhail ùr no dha do ’n MHAC-TALLA air an fhoghar so? Ma tha bidh tu cuideachadh le cainnt do mhàthair a chumail suas. Faigh FEAR-GABHAIL UR do’n MHAC-TALLA, ’s cuir ugainn dolair gu leth ($1.50) agus gheibh sibh le cheile am paipear fad bliadhna. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Sgeul ur a tha gu tòiseachadh an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Tha i air a sgriobhadh le “Iain,” ughdar “Taigh na Coille,” “Bean a Mhisgeir,” “Domhull Dona Mac na Bantraich,” agus iomadh sgeul eile a thug mor-thoileachadh do leughadairean a phaipeir roimhe so. Tha daoine ’tha làn chothromach air breith a thoirt ag radh gur i so sgeul a’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. Tha i ’na sgeul a tha da-rireadh taitneach, agus cha bhi aithreachas sam bith orra-san a leughas i. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8.00 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 128] [Vol. 9. No. 16. p. 8] AN CLAMHAN AGUS AN CALA-MAN. “‘Cha ’n ann de ’m chuideachd thu,’ mar thuirt an calaman ris a’ chlamhan.” Tha gach creutair a’ tighinn beò a reir a ghné. Tha ’m fitheach a’ tighinn beò air na closnaichean marbh, breuna, a thachras ris anns an fhàsach. Is e so am biadh a ’s blasda leis a gheibh e. Air an làimh eile, tha ’n calaman ’na eun glan, a sheachnas a’ chlosnach bhreun, agus nach ith ach am biadh a’s glaine, ged a gheibheadh e am bàs. Tha e muladach ri innseadh gu ’m bheil mòran dhaoine ann a tha ’gabhail a’ cheart uiread de thlachd ann an sgainnil, ann am mi-chliù, ann am breugan, ann an tuaileas, ann am mi-rùn, ann an cul-chàineadh, agus ann am farmad ’s a tha ’m fitheach a’ gabhail anns na closnaichean marbha, breuna, làn de dhroch bholtrach, a thachras ris air a chuairt troimh ’n fhàsach. Cha ’n urrainn am fitheach a bhith ’na chalaman, agus cha mhò is urrainn an calaman a bhith ’na fhitheach. Cha mhò na sin is urrainn luchd an fhuar-chrabhaidh, aig am bheil an inntinn làn de thruaillidheachd, a bith ’nan daoine diadhaidh; agus cha mhò is urrainn do na daone a tha diadhaidh neach sam bith a chùil-chàineadh, no ann an ni sam bith a chuireas masladh no mi-chliù air an coimhearsnaich. Nach muladach ri thoirt fa near gu ’m bheil daoine a tha gu follaiseach ag aideachadh na diadhachd air Latha ’n Tighearna, a’ nochdadh fad na seachdain do ’n t-sluagh am measg am bheil iad a’ caitheamh am beatha, nach ’eil Spiorad Chriosd annta? Is e so a tha ’toirt air mòran de shluagh na rioghachd a bhith ’fuireach air falbh o thaigh an Tighearna. Air lath’ an Tighearna chi iad daoine a’ falbh do ’n eaglais, agus coltas gle chràbhach air an aghaidhean. Ach air Di-luain an uair a thachras na daoine so riutha mar choimhearsnaich, no mar mhaighstirean, no mar sheirbhisich, tha iad a cheart cho saoghalta, cho truaillidh, agus cho aingidh ’nan cainnt agus ’nan gluasad ’s ged nach seasadh an cas riamh an taobh a staigh de dhorus eaglais! Tha ’n duine diadhaidh ’na dhuine diadhaidh aig gach àm agus anns gach àite. Is e bhith diadhaidh a nàdar; agus cha ’n urrainn e dealachadh ri ’nadar ge b’ e suidheachadh no àite anns an tachair dha bhith. Am fear a bhios a’ caitheamh cleòca na diadhachd, faodaidh e a chur uime agus a thilgeadh dheth mar a fhreagras dha. Cuiridh e uime e a h-uile madainn Di-domhnuich an uair a bhios e ’dol do ’n eaglais; ach cha luaithe a thig e dhachaidh na thilgeas e dheth e. Cha ’n aithnich a bhean agus a chlann gu ’n robh e riamh ann an eaglais. Anns a’ mhadainn Di-luain, an uair a theid e mach gu obair a mhaighstir, bidh e coma ach an latha chur seachad. Cha ’n e obair a dheanamh air son an tuarasdil a tha e gus fhaotainn a tha ’na bheachd idir, ach tuarasdal fhaotainn ged a bhiodh an obair gu ’n deanamh gu bràth. Tha am maighstir an-diadhaidh cruaidh, an-iochdmhor ris na seirbhisich a tha ’g obair dha. Tha e coma cia mar a thachras dhaibh ’na dheigh sin ma gheibh e mòran asda air son beagan tuarasdail. IAIN. Tairgse Mhaith. ’S fhiach MAC-TALLA dolar ’s a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhe’n phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:— Neach sam bith nach eil am fiachan do ’n phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1.50 air a chur thugainn aig a toiseach. Am na h-Iubili. An samhradh a bha Iubili ban-righ Victoria air a chumail, chualas dithis bhoirionnach air carbad-sràide ann am baile beag Sasunnach a bruidhinn mu sheadh an fhacail “Iubili.” Cha robh fhios aig te dhiubh ciod bu chiall da; ach bha an té eile ’na barail fhéin ’ga thuigsinn math gu leòr, agus thòisich i air a mhineachadh: “Nuair a tha càraid pòsda coig bliadhna fichead, bidh a bhanais airgeid aca, agus ’nuair a bhios iad posda leth-cheud bliadhna bidh a bhanais òir aca, agus bidh an iubili ann ’nuair a bhàsaicheas an duine.” Tha fiosan a thainig á St. Pierre ag radh gu bheil a seachd deug de shoithichean-iasgaich a bha air na Grand Banks ris an stoirm a bh’ ann air September 12, fhathast air chall, agus nach eil a nise dùil riutha. Bha mu dha cheud duine air bòrd aca. Chaill soithichean eile a fhuair troimh ’n stoirm mu cheud duine, agus mar sin cha ’n urrainn an call uile gu leir a bhi fada goirid air tri cheud duine. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Clocaichean. A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha. Clocaichean Dusgaidh o $1.00 suas. Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas. Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas. Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas. Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn. BEZANSON, An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 129] [Vol. 9. No. 17. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 26, 1900. No. 17. AN DILLEACHDAN. EADAR. O’N BHEURLA. (Air a leantuinn). Ghluais na bliadhnaichean seachad, agus dh’ fhàs Ealasaid Mhorton ann am meud ’s ann am maise, ’na h-aobhar prois d’a ban-dionadair ’s na toileachadh mor d’a comb-aoisean uile. Ach thainig breòiteachd na h-aoise oirre-se bha gabhail cùraim dhi, a toirt air falbh comas a chosnaidh, agus fhuair a ghainne ’s an t-acras dh’ ionnsuidh na fardoich a bha roimhe so gu seasgair pailt. Ach bha Ealasaid mar a bha i riamh, gu h-aighearach, toilichte agus taingeil; agus bu tric a thog i cridh’ a bana-charaid le òran binn a sheinn dhi an ciaradh an fheasgair, ’sa thionndaidh i an osna throm gu fiamh a ghàire. Agus gus an crannchur a chur am feobhas, chaidh i a bhuachailleachd chaorach air na cnuic cùl a bhaile, do bhàillidh duin-uasal d’ am b’ ainm Sommerville, a cheannaich oighreachd Thorndean mu ’n àm a chaochail a màthair. Cha robh air an duine sin ach droch mheas, oir bha e ’na mhaighstir cruaidh, agus ’na fhior dhroch ceann d’a chéile pòsda; agus uair us uair chunnacas anns a chladh e, mu mharbh mheadhon-oidhche, na sheasamh aig uaigh Iseabal Mhorton. Dh’ aobharaich so moran bruidhne mu bhreth Ealasaid bhochd. Cha robh duine cloinne aige, agus bha aobhar a bhi creidsinn gu ’m b’e mac bràthar dha a bha fuireach còmhla ris a bha gu bhi ’na oighre air a chuid maoin us fearainn. Bha Uilleam Sommerville mu bhliadhna na bu shine na ar dilleachdan bàn; agus cha robh uair a gheibheadh e cùl cinn bhràthar athar ris na bheireadh e am bail’ air gu dhol a chleasachd còmhla ri Ealasaid. Agus a nise, ’nuair a bhiodh i air na cnoic a’ buachailleachd nan caorach, ruigeadh e i, agus a suidhe ri ’taobh theagaisgeadh e dhi na leasain a dh’ ionnsuich e-fhéin re an latha anns an sgoil, a lamh gu neo-choireach mu muineal, an cinn cuideachd, ’s a falt buidhe dualach-se a crathadh mu ’n timchioll. Is iomadh uair a chuireadh stad air na leasain thaitneach sin le guth coimheach agus buillean goirte bhràthair-’athair; ach a dh’ aindeoin sin bhiodh Uilleam gu tric air fhaotainn an comunn a bhana-charaid ’s ag ionnsachadh leasan dhi, gus an robh e ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois; bha aige ’n uair sin ri Thorndean fhàgail ’s e dol a ghabhail ’san arm. Fhuair e cead ruith do ’n bhaile a dh’ fhàgail beannachd aig a chompanaich, a bha uile gle mheasail air; ach cha deach e dh’ àite sam bith ach do thigh beag Nic-Dhùghaill. Nuair a chaidh e stigh thoisich Ealasaid air gal, agus shil a dheòir fhéin gu frasach. Chunnaic an t-seana-bhean chòir an gaol a bha air eirigh suas nan cridheachan òga ’sa dh’ fhaodadh tighinn gu crich bhrònach; agus a’ breth air laimh air Uilleam, ghuidh i gu ’n soirbhicheadh Dia leis, agus ghabh i beannachd leis. Bha i ’ga threòrachadh dh’ ionnsuidh an doruis, nuair a thog Ealasaid a sùilean deurach; chunnaic esan iad, thuig e ciod bu chiall daibh agus leum e null far an robh i, agus a tilgeadh a dha laimh mu ’muineal, phòg e i air clàr an aodainn. “Na diochuimhnich mi, Ealasaid,” ars’ esan, agus ghreas e mach. Ruith seachd bliadhna an deigh so seachad. Bha a’ chaileag àluinn a nis air fàs ’na maighdinn òig ann an samhradh a maise. Bha Ealasaid fad cheithir bliadhna a’ cumail sgoile ’sa bhaile, agus rinn a h-uaisle ’s a deagh nàdur soirbheachadh neo-àbhaisteach a chur an lorg a saothair; agus bha bean a chinn léith a ghabh cùram dhi ’na h-òige a nise air a deagh dhuaisneachadh. Bhatar aig an àm a deanamh deisealachaidh an Talla Thorndean air son fàilte chur air Uilleam a bha tigh’nn dhachaidh mar Chaiptean Sommerville. Cha robh carbad-puist aig an àm so na ioghnadh cho mor anns a bhaile ’sa bha e aig àm tòiseachaidh ar sgeòil; ach bha àireamh de mhuinntir a’ bhaile cruinn mu ’n tigh-òsda gu fàilte chur air an oighr’ òg. Thainig e, agus ’na chuideachd duin’-uasal a bha eadar da fhichead us leth-cheud bliadhna dh’ aois. Chuir iad eolas air a cheile anns a charbad; bha ’n coigreach air thurus do ’n taobh tuath, agus ghabh e cuireadh o Uilleam gu fuireach an tigh bhràthair ’athar beagan lathaichean a chur a sgiths dheth. Bha ceum goirid dh’ ionnsuidh an taighe a’ dol troimh ’n chladh, mu chairteal a mhile o’n bhaile. Bha e ’na rathad aonaranach, agus b’ àbhaist do Ealasaid a bhi ’ga ghabhail an deigh uairean na sgoile, agus gu tric chuireadh i beagan mhionaidean seachad a meòrachadh aig uaigh a màthar. Bha i ag amharc gu dùrachdach oirre nuair a chual’ i guth faisg air laimh ag radh, “Ealasaid—Ealasaid Mhorton.” B’e fear a ghutha an Caiptean Sommerville, agus bha a charaid còmhla ris. Cha toir sinn an còrr iomraidh air coinneachadh nan leannan. Ach dh’ amhairc an coigreach ’na h-aodann gu trioblaideach, agus sheall e air uaigh a màthar agus ghuil e. “Morton,” ars esan, agus leugh e an sgriobhadh a bh’ air a chloich, agus dh’ amhairc e rithist na h-aodann agus a rithist ghuil e. “A bhean-uasail,” ars esan, “gabh leisgeul duine thruaigh—ciod a b’ ainm do d’ mhàthair? co dha bhuineadh t’ athair? Innis dhomh, guidheam ort.” “Mo chreach, cha ’n urrainn domh,” ars Ealasaid bhochd, agus ceistean us deòir a choigrich a’ cur ioghnaidh agus mulaid oirre, “cha ’n eil fhios agam, agus mar sin cha ’n urrainn domh innse.” “Is e Morton is ainm dhomhsa,” ars’ an coigreach; “bha bean agam uair, agus bha nighean againn, ’s b’e aodann m’ Iseabail-sa dearbh-iomhaigh t’ aodainn-sa.” Mu ’n do sguir e labhairt, thainig seann Sommerville dlùth orra, ’se tigh’nn an còdhail mic a bhràthar. Sheall e fhéin ’s an coigreach air cach a cheile. “Sommerville!” ars an coigreach, ’se clisgeadh. “Is e sin is ainm dhomh,” ars am fear eile, ’s neul dorcha mar thàirneanach a tigh’nn air aghaidh, ’sa bhodhaig a’ dol air chrith. Rug e gu borb air guala mic a bhràthair, agus dhragh e air falbh e. Chaidh an coigreach còmhla ri Ealasaid gu tigh Nic-Dhùghaill. Bu chràiteach leis gach fiosrachadh a rinn e; oir ged a bha iad a toirt tomhas dòchais dha bha iad ’ga fhàgail ann an imcheist chruaidh. “O, dhuine!” arsa Nic-Dhùghaill, “ma ’s sibhse athair mo phàisde beannaichte, cha bheag an t-ioghnadh leam seann Sommerville a dh’ fhàs dubh ’san aodann nuair a chunnaic e sibh; ’nuair a thainig an éis ’sa bhochduinn oirnn ’s a b’ fheudar do m’ phàisde lùrach, gun athair, gun mhathair, a dhol a bhuachailleachd nan caorach dha air taobh nan cnoc—bhiodh ise an sin, am pàisde beag crion (oir bha i cho crion an uair sin ’sa tha i cho bòidheach an dràsda) ’na suidhe air an fheur ’s na caoraich ag ionaltradh timchioll oirre, ’s ise gu dian a leughadh a Bhiobuill, coltach ri aingeal beag, leatha fhéin, ’nuair a thigeadh a’ bhrùid shliagach a nuas air a culaobh ’s a bheireadh e breab dhi, ’sa thòisicheadh e air a damanadh ’s air a càineadh, ag radh nach robh innte ach creutair leisg, suarach, agus a’ gabhail ainmean oirre nach fhaod mis’ aithris, agus bheireadh e spionadh air folt bòidheach buidhe a cinn, ’s iomadh spionadh sin, gus an robh an darna leth dhe air a thoirt aisde gu buileach; neo bheireadh a’ bheist an leabhar naomha uaipe agus thilgeadh e fad a laimhe air falbh e, a mionnachadh ’sa mallachadh fad na h-ùine. Ach bha mac a bhràthair riamh na ghiullan caoimhneil blàth-chridheach, ach mar a dh’ fhaodas sibh a thuigsinn, o nach robh mo phàisde ach an càramh bochd, cha b’e mo ghnothuch-sa misneach sam bith a thoirt daibh.” Bu dùrachdach a bha ’n coigreach, a thug seachad mar ’ainm Còirneal Morton, ag amharc air a mhaighdinn mhaisich a thug air ais gu chuimhne làithean grianach na h-òige. Bha e ’ga coltachadh anns gach dòigh ri bean a ghràidh, agus a gul os a cionn, ach a dh’ aindeoin gach coltais bha teagamh a bristeadh a stigh air inntinn, agus ghlaoidh e na dhoilghios—“O, Athair Nèamhaidh! thoir dhomh dearbhadh! O thoir dearbhadh dhomh gur h-i so mo nighean.” Am beagan sheudan a bh’ aig Iseabal Mhorton, b’ fheudar dhi an creic an àm na h-éise, agus mar sin cha robh ni air fhàgail a bheireadh dearbhadh sam bith dha. Ach air a cheart mhionaid sin co thainig a stigh le cabhaig ach Caiptean Sommerville. Dh’ innis e dhaibh gu robh bràthair ’athar an deigh an t-àite fhàgail, agus shìn e litir uaithe do ’n Choirneal Morton. Cha robh innte ach beagan fhacal, agus mar a leanas:— “A MHORTOIN,—Bha sinn ag obrachadh an aghaidh a chéile air son gaol Iseabail—rinneadh thusa sona, agus mise truagh. Ach cha robh mise gu ’n dioghaltas. Is mi a bhrath thu air chor ’s gu ’n do thuit thu an lamhan nan naimhdean. Is mi a sgaoil am fathunn gu robh thu marbh—agus a ghreas an sgeul dh’ ionnsuidh do mhnatha, agus a lean air sàil na sgeula sin do Shasunn. Is mi a chuir tuaileas breugach mu timchioll an céill d’a càirdean agus a dh’ aobharaich iad a chur cùl rithe gu buileach. Lean mi i do ’n àit uaigneach so a chum gu ’m mealainn mo bhuaidh; ach thug am bàs uam i mar a rinn thusa roimhe. Ach ni mi aon ghniomh trocair—innsidh mi dhut [TD 130] [Vol. 9. No. 17. p. 2] gur h-i do bhean a tha fo ’n fhòd far ’n do choinnich sinn an dé; agus gur h-i a bhean òg an làthair an do ghuil thu do nighean fhein.” Thilg e uaithe ’n litir, agus ghlaodh e, “Mo nighean!—mo nighean ghaolach a bha cho fad air chall orm!” Agus le sòlas do-labhairt, rinn an t-athair ’s an nighean greim air làmhan a chéile. An toir sinn iomradh air a chòrr? Dh’ fhàg seann Sommerville tir a dhùthchas, tir nach do mhaslaich e ’m feasda tuilleadh le bhi fuireach innte. Bha Uilleam us Ealasaid gu tric a’ siubhal nan cnoc agus a leannanachd, ’s gach sealladh a chitheadh iad mu ’n cuairt a toirt ath-chuimhne dhaibh air làithean sona na h-òige a chuir iad seachad an comunn a chéile. Beagan mhiosan an deigh so thug a h-athair dha i air làimh ann am pòsadh, agus thug Nic-Dhùghaill, le moran aoibhneis us pròis, do ’n chàraid òig iomadh deagh dhùrachd agus beannachd. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XXII. TACHARTAS BRONACH EILE. Anns a’ gheamhradh thug teaghlach an Iarla leotha Màiri do ’n bhaile-mhor. Aon mhaduinn araid thainig seann sagart liath a dh’ ionnsuidh an taighe, agus air da faoighneachd airson Màiri, dh’ innis e dhith gu ’n d’ thainig e air teachdaireachd ’ga h-ionnsaidh. Bha neach tinn, a bha ’m fior choltais bàis, ro-dheonach air am faicinn; cha b’ urrainn di am bàs fhaighinn ’an sith gun Màiri fhaicinn. Chuir an teachdaireachd so ioghnadh mor air Màiri. Chuir i a comhairle ris a Bhan-Iarla, agus o’n a bha ise eolach air an t-sagart ’us fios aice gu ’n robh e ’na dhuine tuigseach, diadhaidh, thuirt i rithe gu ’m b’ fhearr di falbh comhla ris. Air iarrtas an t-sagart dh’ fhalbh seann Antony cuideachd. Bha aig Màiri ri dhol do ’n chearn’ a b’ fhaid’ air falbh de ’n bhaile. Rainig iad mu dheireadh taigh dubh, grannda, air sraid chaoil air chul. Dhirich iad suas coig staidhrichean, te as deigh te, an dithis mu dheireadh cho caol, dorcha, suarach, ’s gu ’n robh Màiri truagh leis an eagal. Air a mhullach dh’ fhosgail an sagart seann dorus de bhuird ghrannda, agus cheum Màiri a stigh air lobhta shalach. Bha ’n uinneag bheag, chaol air a leth-dhunadh le paipear; bha fiodh na leapa suarach, agus an leaba fhein ni bu mhiosa, ’se sin na ’m b’ urrainn duine leaba ’graithinn rithe. Air sorchan beag, briste, taobh na leapa, bha soitheach uisge gun chluas, gun phiobag,—an corr de dh’ airneis cha robh ri fhaicinn ’san t-seomair. Ach ’se ’m boirionnach tinn sealladh bu truaighe uile. Shaoil le Màiri gu ’r corp a bh’ aice; agus ’n uair thoisich i air bruidhinn le guth tuchanach, fann, ’s a shin i a mach a lamh chaithte, chrith Màiri bho ’mullach gu ’sail. Mu dheireadh thall, le moran miomhaigh, thuig i bho na facail fhàs a bha tighinn bhuaipe le oidheirp, gu ’r e Ceit an creutair truagh a bha ma coinneamh,—an nighean sin, a bha roimhe so, ’nuair a bha i aig seirbheis an Ichburg, cho boidheach, coltach, dearg ris na ròsan. Fhuair an creutair truagh a mach bho ’n t-sagart gu ’n robh Màiri ’s a’ bhaile, comhla ri teaghlach an Iarla, agus chuir i fios oirre gus mathanas iarraidh airson gnothuch an fhàine. Cha d’ thugadh i suas a h-ainm an toiseach air eagal ’s ma ’n cluinneadh i e gu ’n eireadh gamhlas as ùr suas ’na h-inntinn agus nach d’ thigeadh i ’ga coimhead. Bhrist Màiri, te a chridhe mhaith, a mach air gal, agus chuir i ’an ceill gu dùrachdach gu ’r fhad bho ’n thug ise mathanas seachad, agus nach robh an gamhlas bu lugha ’na h-inntinn, gu ’r ann a bha i ro-dhuilich air a son. Mar dhearbhadh gu ’n d’ thug i mathanas di, bha i dol a bhreth air a chreutair mhi-fhortanach eadar a lamhan ’s a dol ’ga pogadh; ach chaidh an sagart eatorra. “Air t-aithis, an ainm an fhortain,” ars’ esan; “’s fhearr dhuit gu ’n dol ni ’s fhaisge.” “Gu de an tinneas a th’ ann?” thuirt Màiri, cho neo-chiontach ’s cho neo-amharusach. Chrom an sagart a cheann ’s cha d’ thubhairt e diog. An sin dh’ iarr an te thinn air an t-sagart gu ’n e a chleith na cuise ni b’ fhaide; oir ma dh’ fhaoidte gu ’m biodh a mi-fhortan-sa ’na rabhadh do nigheanan eile. Bha Ceit bhochd a leanailt droch chompanaich, eadhon ’nuair a bha i ’n Ichburg. Ged a chaidh a cuir air falbh á Ichburg, thill i dha ’n àit’ ud, agus lean i air na droch chleachdanan a b’ abhaist a bhi aice. Fhuair i moran de dh’ aodaichean briagha air dhoigh eiginn; reic i iad an deireadh a laithean, ’nuair a dh’ fhas i bochd, tinn, air an deicheamh cuid ’s a b’ fhiach iad; agus, a nise, air a treigsinn leis gach caraid a bh’ aice, tha i ’fulang anns gach doigh a’s cruaidhe. Dh’ innis i fhein a’ h-uile car dheth so, agus i ’gal gu goirt. “Mo chreach!” ars’ ise, “is peacair trom mi, agus choisinn mi na thainig orm. B’e toiseach mo bhochdainn gu ’n do sguir mi chuimhneachadh air Dia, ’s nach eisdinn ri comhairle mhath. Chuir mi suarach guth mo chogais; cha robh tlachd agam de ni ach deiseachan riomhach, miodal ’us toilinntinn, agus ’se sin, ma dheireadh, a chuir cho fad air adhart mi ’san olc. O, tha mi an dochas nach bi ’chuis ni ’s cruaidhe orm fhathast ’san ath shaoghal,” thuirt ise, ann am briathran bristeach, am measg a deoir. “Ach a chionn gu ’m beil thusa, ’Mhàiri bhochd, air an d’ rinn mi na h-urad de dh’ eucoir a’ toirt mathanais domh, tha mi ’an dòchas gu ’n d’ thoir ar Dia math mathanais cuideachd domhsa.” Thill Màiri thun an taighe ’s i gle mhuladach. Cha b’ urrainn di sian ithe le geilt ’us truas. Bha ’n sealladh eagallach ud daonnan ma choinneamh a sùilean; bha ’n guth truagh ud daonnan ’na cluasan. Theireadh i rithe fhein: “B’e samhla truagh ud Ceit—Ceit bhoidheach!” Agus lean i air bruidhinn rithe fhein mar so fad an latha. Chuimhnich i, cuideachd, air a chraoibh bhoidhich ubhail fo fhlurs, a chaidh a mhilleadh leis an reothadh. Na thubhairt a h-athair air an latha sin, agus a rithist air a leaba bhàis, thainig e uile air ais gu ’cuimhne, agus gheall i do Dhia as ùr gu ’n caitheadh i a saoghal an doigh ghlain, neo-pheacaich. Le ’h-eadar-ghuidhe chuir a Bhan-Iarla lighiche ’choimhead air Ceit thruagh; chuir i uice, cuideachd, anartan glan agus iomadh ni riatanach eile. Ach an deigh moran tuilleadh fhulang, chaochail i ’na tri-bliadhna-fichead. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. VIII. Thill righ Saleh do ’n chuan maille ri ’mhathair agus ris na bana-phrionnsachan. An uair a chunnaic e gu ’n do thoisich righ Beder a rithist ri riaghladh an deigh bas ’athar, chuir e roimhe gu ’n tigeadh e ’na onar a thaghal air aig ceann na bliadhna. Bha aoibhneas mor air Beder agus air Gulnara an uair a chunnaic iad e. Air feasgar araidh an deigh dhaibh eirigh o ’n bhord, thug iad greis air comhradh mu thimchioll caochladh nithean. Thuit do righ Saleh toiseachadh gun fhios dha fhein ri moladh Bheder, agus ri innseadh do Ghulnara cho toilichte ’s a bha e gu ’n robh Beder a’ riaghladh ann an doigh a bha anabarrach glic, curamach; agus nach b’ e mhain gu ’n robh e fo dheadh ainm am measg nan coimhearsnach, ach mar an ceudna, am measg righrean a bha fad’ air falbh. Cha robh tlachd sam bith aig Beder ann a bhith cluinntinn na bha brathair a mhathar a’ deanamh de mholadh air. Ach o nach biodh e modhail dha iarraidh air fuireach samhach, thionndaidh e ’aghaidh taobh eile, agus an uair a leag e a cheann air a’ chluasaig a bh’ air cul na cathrach, leig e air gu ’n robh e ’na chadal. An deigh do righ Saleh greis a thoirt air moladh cho math ’s a bha Beder a’ riaghladh na rioghachd, thoisich e ri moladh a mhaise, a ghliocais, agus ri radh nach robh duine eile air an talamh air an do bhuilichidh a leithid de bhuadhan cuirp agus inntinn ’s a bhuilicheadh air, agus, cho fad ’s a b’ fhiosrach e, nach robh a leithid idir ri fhaicinn ann an uile rioghachdan a’ chuain. “A phiuthar,” ars’ esan, agus ’inntinn air a lionadh le aoibhneas mor, “mar a tha fhios agad fhein, tha e ’na dhuine cho fior mhaiseach ’s gu ’m bheil ioghnadh orm nach do smaoinich thu riamh air toirt air posadh. Mur do mheall mo chuimhne mi tha e nis fichead bliadhna; agus aig an aois so, cha bu choir do phrionnsa sam bith a bhith gun phosadh. O nach do smaoinich thusa air so, bidh mi fhin ag amharc air son bean fhreagarrach dha am measg nam bana-phrionnsachan a th’ anns a’ chuan.” “A bhrathair,” arsa banrigh Gulnara, “tha thu ’cur rud ’nam chuimhne air nach d’ thug mi smaointean gus a so. O nach do nochd e ann an doigh sam bith gu ’n robh toil aige posadh, cha do smaoinich mi riamh air guth a thoirt ris m’ a dheidhinn; agus tha mi ro thoilichte gu ’n do chuir thu an gnothach ann am chuimhne. Tha mi toilichte gu ’m bheil thu ’smaointean gur e te de bhana-phrionnsachan a’ chuain a’s fhearr a fhreagras dha; agus bhu mhiann leam gu ’n ainmicheadh tu te a bhiodh cho maiseach agus cho foghluimte ’s gu ’n tuiteadh mo mhac ann an gaol oirre.” “Is aithne dhomh te a fhreagras dha gle mhath,” arsa righ Saleh, agus e ’labhairt gu beag rithe. “Ach mu’n innis mi dhut co i, feumaidh fios a bhith againn am bheil esan ’na chadal, agus innseadh mi dhut a rithist c’ar son a tha e feumail dhuinn na nithean so a chumail an cleith.” Sheall Gulnara air a mac, agus an uair a chunnaic i an coltas a bh’ air, cha robh teagamh sam bith aice nach robh e ’na chadal cho trom ris a’ chloich. Ach ged a shaoil leatha gu ’n robh e ’na chadal, bha e ’na dhusgadh cho glan rithe fhein. An aite tuiteam ’na chadal, is ann a thug na briathran a chual’ e air a bhith na b’ fhearr ’na fhaireachadh na bha e roimhe, a chum gu ’n cluinneadh e a h-uile facal a bhiodh eadar a mhathair is brathair a mhathar. “Cha ruig thu leas,” arsa Gulnara, “a bhith bruidhinn cho beag, tha e cho trom ’na chadal ’s nach cluinn e aon fhacal dhe na their sinn.” “Cha ’n ’eil e freagarrach air doigh sam bith gu ’m biodh fios aige air aon fhacal dhe na bheil mi ’dol a radh. Tha fhios agad gu ’n teid an gaol iomadh uair a steach air na cluasan; agus cha bhiodh e freagarrach gu ’n tuiteadh e an drasta ann an gaol air a’ bhana-phrionnsa ’tha mi ’dol a dh’ ainmeachadh. Gun teagamh sam bith [TD 131] [Vol. 9. No. 17. p. 3] tha mi ’faicinn iomadh duiligheadas anns an rathad, cha ’n ann a thaobh na mna-uaisle fhein idir, ach a thaobh a h-athar. Foghnaidh dhomh innseadh dhut gur i a’ bhean-uasal a tha mi ciallachadh, Guhara, nighean righ Shamanndail.” “An e nach do pos a’ bhana-phrionnsa Guhara fhathast, a bhrathair? Tha cuimhne agam gu ’m faca mi i beagan uine mu ’n d’ fhalbh mi as an luchairt agad fhein. Bha i mu bhliadhna gu leith a dh’ aois, agus bha i ’na leanabh ro mhaiseach. Agus ma bha i ’fas maiseach o bhliadhna gu bliadhnna o ’n uair ud, feumaidh gu ’m bheil i nis cho maiseach ri boirionnach a th’ air an t-saoghal. Ged a tha i beagan bhliadhnachan na ’s sinne na Beder, cha mhisd’ i sin dad. Feumaidh sinn feuchainn ri ’faighinn dha. Innis thusa dhomhsa na duilighideasan a th’ anns an rathad, agus feuchaidh sinn ri ’n toirt air falbh.” “Is e an duilighdeas a’s mo, a phiuthar,” arsa righ Saleh, “gu ’m bheil righ Shamanndail a’ saoilsinn moran dheth fhein, agus gu ’m bheil e ag amharc sios air a h-uile duine eile. Cha ’n ’eil e idir coltach gu ’m bi e toilichte cleamhnas a dheanamh ruinn. Air mo shon fhin dheth, tha mi suidhichte gu ’n teid mi far am bheil e, agus gu ’n iarr mi a nighean air do Bheder. Ma dhiultas e a toirt seachad, feuchaidh sinn doigh eile air a faighinn dha. Air an aobhar sin, tha e pailt cho math an gnothach a chumail an cleith air Beder gus an aontaich righ Shamanndail a nighean a thoirt seachad, air eagal gu ’n tuit Beder ann an trom ghaol oirre, agus ’na dheigh sin nach teid againn air a faighinn dha.” Thug iad greis air comhradh mu dheidhinn a’ ghnothaich, agus mu ’n do dhealaich iad, shuidhich iad gu ’n rachadh righ Saleh gun dail air ais d’ a rioghachd fhein, agus gu ’n iarradh e Guhara air a h-athair righ Shamanndail gu bhith ’na mnaoi aig mac a pheathar, righ og Phersia. Bha Gulnara agus righ Saleh lan-chinnteach gu ’n robh Beder ’na chadal fad na h-uine, agus dh’ aontaich iad gu ’n duisgeadh iad e mu ’m falbhadh iad as an t-seomar. Leis cho doirbh ’sa bha e dhaibh a dhusgadh shaoileadh duine sam bith gu ’n robh e gle throm ’na chadal fad na h-uine. Ach chual’ e a h-uile facal a thubhairt iad, agus thug na chual’ e air gu ’n do thuit e ann an trom-ghaol air Guhara. Bhuail e anns an inntinn aige gu ’n robh i ’na boirionnach air leith maiseach, agus leis an toil a bh’ aige greim fhaighinn oirre, cha do dhuin a shuil fad na h-oidhche ach a’ smaointean oirre. Air an ath latha rinn righ Saleh deiseil gu falbh d’ a rioghachd fhein anns a’ chuan. An uair a chual’ an righ og gu ’n robh brathair a mhathair a’ deanamh deiseil gu falbh, thainig atharrachadh dreach air, oir thuig e anns a’ mhionaid gur ann a chum gu ’m faigheadh e nighean righ Shamanndail gus toirt g’ a ionnsuidh fhein mar mhnaoi a bha leithid de chabhaig air gu falbh. Thug so air gu ’n do mhiannaich e moran na bu mho greim fhaighinn air nighean an righ gu ’n dail sam bith. Bhuail e anns an inntinn aige uair no dha gu ’m bu choir dha iarraidh air brathair a mhathar a’ toirt g’a ionnsuidh gun dail; ach cha robh toil aige gu ’m faigheadh a mhathair am mach gu ’n robh fios sam bith aige air na briathran a bha eadar i fhein is righ Saleh an oidhche roimhe sid. Mu dheireadh ghuidh e air brathair a mhathar fuireach aon lath’ eile comhladh ris gus iad a dhol le cheile do ’n bheinn-sheilg, agus e ’na bheachd gu ’n leigeadh e inntinn ris dha. Ged a chaidh iad air an ath latha do ’n bheinn sheilg, agus ged a fhuair e cothrom gu leor air ’inntinn a leigeadh ris do bhrathar a mhathar, cha d’ fhosgail e ’bheul ris mu ’n chuis fad an latha. An uair a bha iad gu trang air toir na seilge, agus iad fhein ’s na h-oifigich a bha ’nan cuideachd air an sgapadh thall ’s a’ bhos air feadh na frithe, thainig Beder bhar muin an eich aig taobh uillt. Cheangail e an t-each ri craobh a bha air bruaich an uillt, agus thoisich e ri osnaich ’s ri caoidh ’s ri sileadh nan deur gu frasach. Bha e uine mhath anns an t-suidheachadh so, a’ dol fo ’smaointean agus gun fhacal a’ tighinn as a cheann. Anns an am dh’ ionndrainn righ Saleh e, agus bha iminidh air m’ a dheidhinn; ach cha robh fios aig duine dhe na bh’ anns a’ chuideachd c’ aite an robh e, no co ’n taobh a rachadh iad g’ a iarraidh. Air an aobhar sin dh’ fhalbh e fhein feuch am faiceadh e e. Agus mu dheireadh thug e an aire dha ’na shineadh aig bruaich an uillt. Chunnaic e an latha roimhe sid, ach gu h-araidh an lath’ ud fhein, nach robh Beder cho sunndach ’s bu ghnath leis, agus gu ’n robh e mar an ceudna ann an coltas muladach, trom-inntinneach seach mar bu choltach dh’ a leithid a bhith. Agus an uair a chuireadh e ceisd air, is docha nach tugadh e freagradh idir air, ar neo gu ’n tugadh e freagradh gun doigh air. Ach cha do smaoinich e idir c’ar son a bha Beder anns an t-suidheachadh inntinn so. Cho luath ’s a thug e an aire gu ’n robh Beder ’na shineadh air an talamh, agus e gu tursach, deurach, bronach, ghrad smaoinich e gu ’m faodadh gu ’n cual’ e an comhradh a bha eadar e fhein ’s a phiuthar mu dheidhinn Guhara, agus gu ’n do thuit e ann an trom ghaol oirre. Thainig e bhar muin an eich, agus ghabh e ceum air a shocair fhein mu ’n cuairt nan craobh, agus thainig e cho dluth do Bheder ’s gu ’n cluinneadh e a h-uile facal a theireadh e. Chual’ e Beder a’ labhairt mar so:—“A bhana-phrionnsa ro thlachdar, a nighean righ Shamanndail, is e beagan tha mi creidsinn, a chuala mi mu thimchioll na maise neo-chumanta a bhuilicheadh ort; tha mi ’creidsinn gu ’m bheil do mhaise os cionn maise uile bhana-phrionnsachan na talmhainn mar a tha maise na greine os cionn maise na gealaich agus nan reultan. Rachainn an drasta fhein agus thairginn mo chridhe dhut, na ’m biodh fhios agam c’aite am faighinn thu. Is ann dhutsa bhuineas mo chridhe, agus cha ’n fhaigh bana-phrionns’ eile coir air gu brath.” Cha d’ eisd righ Saleh ris a’ chorr. Chaidh e anns a’ mhionaid far an robh Beder, agus thuirt e ris. “A mhic mo pheathar, tha mi nis a’ tuigsinn gu ’n cual’ thu ’n comhradh a bh’ eadar mise ’s do mhathair an oidhche roimhe. Cha robh toil sam bith againn gu ’n cluinneadh tu e; agus bha sinn an duil gu ’n robh thu gu trom ’na d’ chadal.” “A bhrathair mo mhathar ionmhainn, chuala mi a h-uile facal a bha eadraibh, agus thachair dhomh mar a bha sibh ag radh; ach cha robh comas agam air. B’ ann a chum gu ’n leiginn ris m’ inntinn dhuibh a ghuidh mi oirbh fuireach gus an diugh. Ach bha naire orm innseadh dhuibh gu ’n do thuit mi cho trom ann an gaol air a’ bhana-phrionnsa Guhara. Tha mi ’guidhe oirbh, ma ta, air sgath a’ chairdeis a th’ agaibh rium, gu’n gabh sibh truas dhiom, agus nach feith sibh gun Guhara a thoirt do m’ ionnsuidh gus am faigh sibh aonta ’h-athar gus mi ’g a posadh. Mur dean sibh so, is docha gu ’m faic sibh mise marbh mu ’m faic mis’ ise.” (Ri leantuinn.) BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XVII. Ma dha uair an deigh mheadhon latha ràinig am Prionns’ agus an t-àrm abhainn Esg a ta roinn na criche eadar Albainn ’s Sasuinn, bha ’n abhainn so leis bu ghnà a bhi glé thana nis’ air fàs na linne dhomhainn le dòrtadh nan sion, agus a thaobh gun ròbh eagal orra gun deanadh dìle na h-òidhche sin na bu ro dhoimhn’ i, smaointich iad gu’m b’ fhearr dhaibh a dhol tharais gun mhaille. Rinn iad an sin innleachd air an àth a chur—Chaidh am marc-shluadh a mach beagan os-ceann na h-àtha chum neart a bhuinne bhristeadh; agus chaidh na coisichean ann an reang deichneir an guailean a’ chéile chum gun seasadh iad n’a b’ fhearr san t-sruth. Chaidh marcaich a chur mar an cianda tacan sios bho ’na bhial-àth’ chùm nì, no neach a rachach leis an t-sruth a thogail suas. Mar so fhuair iad gu léir a null sàbhailt, agus dh’ fhad iad teineachan mòra connaidh air bruaich na h-aibhne gu iad fèin a thiormachadh agus a’ gharadh—an sin thog iad luathgair éibhneis air son gun d’ fhuair iad am buinn a’ rithist air fraoch Alba! a’ cur air chùl gu tur, gach dosgainn agus alabhan a thàinig nan caramh air an turas sgìth sin! Chaidh crìoch a nis’ a chuir air an turas so,—theagamh, a thaobh seòltachd, cruadal, agus gaisge, nach robh a shamhail bho thùs an t-saoghail ann an tìr sam bith air domhainn, mhair e sia seachduinean ann am fearrann nàimhdean, eadar dà àrmailt a bha na h-uile h-aon diù a cheithir lionmhoiread ris na Gàeil féin! Bha’n aimsir cho olc is gum bu leòir i na h-aonar gu dòlas a thoirt an caramh luchd-turais aig nach robh ach ainmig ionad anns an cuireadh iad an cinn fopa, gidheadh, bho ’n uair a chaidh iad thar na crìche Sasunnaich, gus an tàinig iad a rithist a nall oirr’ cha do chaill iad dheth na chùig mìle fear, le sgiorradh, teine, no claidheamh an nàmhaid, ach ma dhà fhichead fear! eadhon air an ruaig, bha riaghailt agus misneach dha ’n leanmhuinn nach cualas iomradh a bhi aig feachd ach iad féin agus an àite teicheadh le breisleich ghiorragach ro ’n luchd-tòrachd is ann a phill iad gu minig nan aodann, ga’m pilleadh air ’n-ais mar chaoirich ro mhadraidh. Ghiùlain iad bratach Ghlinn’-Fianain astar cheud gu ’n leth mìle tro fhearann làn nàimhdean, agus thug iad rithist air a h-ais i gun ghaoid gun bheud “tro mhìle gàbhadh agus thorunn nan cath.” Air faicinn do Dhiùc Uilleam gun do theich na Gàeil á Sasunn gu tur mheas e iomchaidh Lunnainn a ruidhinn a chum coinneamh a thoirt do ’n arm Fhràngach a bha e ’n duil a bha gu thighinn air tìr air taobh deas Shasainn, agus dh’ fhag e’n t-arm-dearg fo chomannda Sheanaileir Wade le cuid dheth an arm anns an Chaisteal-Nogha agus chaidh Hawley do dh’ Albainn leis an earainn eile. Ri taobh Abhainn Esg roinn am Prionns’ an armailt na dà chuideachd. Chaidh aon chuideachd dhiu rathad Ecclefechan agus Mhoffat, le Morair Seòras Moireach, Diùc Abhall, Morair Ogilbhie, agus Morair Narain air an ceann. Chaidh am Prionnsa féin air ceann na cuideachd eile maille ri Duic Pheairt, Morair Elecho, agus Morair Phitsligo, Lochiall, Tighearna Chlann-Raonuill, Tighearna Ghlinne-Garaidh agus Fear na Ceapaich. Stad iad an òidhche sin aig Annainn. Air an ath mhadainn thriall Morair Elecho le cùig ceud fear gu séilbh a’ ghabhail air Dun-phris. Dh’ iarr am Morair air muinntir Dhun-phris cìs 2000 pund-Sasunnach a phàidheadh, agus mìle daothain bhròg a thoirt dhà gu (Air a leantuinn air taobh 134). [TD 132] [Vol. 9. No. 17. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, OCTOBER 26, 1900. LITIR A ONTARIO. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha cuidhleachan na h-aimsir air tionndadh; an àite an teas a bha againn ré na chaidh seachad de ’n fhoghar tha nise anail fhuar na gaoithe tuatha a leigeadh ris duinn nach ’eil an geamhradh fad as. Tha gach flur agus ros boidheach a bha deanamh aghaidh na talmhainn maiseach le ’n àileachd air an gearradh sios leis na reothaidhean cruaidhe aig October. Tha na craobhan a bha deanamh dubhair le ’n duilleach do ainmhidhean na machrach, a nise mar chrannaibh ruisgte, oir thuit an duilleach dhiubh a dh’ ionnsaidh an lair. Ach ged a sheargas craobh ’s ged a gheibh i bàs ni ’n t-earrach nuadh i ris; ach an duine, aon uair ’s gu faigh e bàs, cha phill e air ais, ’s cha dean an t-earrach a thoirt beò. ’S iomadh neach a bha laidir, fallain an uair a sgriobh mi mu dheireadh, a tha an diugh nan sìneadh ’san leabaidh chaoil ’nan tosd; ach ’s ann mar sin a bha an saoghal bho thus—cuid ga fhagail agus tuilleadh a tighinn nan àite. Bha foghar againn an so cho briagha agus a chunnaic duine riamh. ’S ann gle theth a bha ’n t-side gus a so. Bha frasan sneachda againn air an t-16mh latha dhe ’n mhios so. Tha an t-side fuasach tioram againn, agus tha uisge gu math gann aig a chuid mhor de na tuathanaich fo cheann mios no dha air ais. Bha am barr gle aotrom ach thionndaidh e a mach moran gràin. Tha an gràn gu math saor. Tha coirce a’ reic air son 23c. am buiseal, peasair 56c., agus cruithneachd 70c.; tha fiar suas ri deich dolair an tunna. Cha ’n ’eil am buntàta cho lionmhor agus a bha e air a bhliadhna chaidh seachad, ach tha e gle mhath air a shon sin. Tha biadh gu leor anns an tir air son duine agus ainmhidh ré a gheamhraidh agus fad na bliadhna. Tha feadhainn a fàgail an àite so agus a dol gu dùthchannan fad as a shireadh am fortain, ach feumaidh sinne a tha mi-chomasach air falbh a bhi toilichte le ar staid aig air dachaidhean an so. Bha an t-Urr. Maighstir Mathanach ag innseadh dhomh gu ’n robh e ann an oifis a MHAC-TALLA an uair a bha e air falbh air a thurus do ’n dùthaich anns an do rugadh e. Tha Maighstir Mathanach a tighinn air adhart gu math ’sa Ghàilig o’n a thainig e do Phriceville. Tha e searmonachadh ceithir uairean a h-uile Di-domhnaich agus tha sin gu math trom air, ach tha e òg, làidir fhathast. Bidh an election againn an so air an t-seachdamh la de Nobhember. Tha an Dotair Landerkin a’ ruith air son naodh bliadhna fichead. Chuir e stigh tri bliadhna fichead ’sa phàrlamaid cheana, agus tha sinn an dòchas gu faigh e stigh a ris air an àm so. Bha an fhéill bhliadhnail air a cumail againn ’sa bhaile so air an darna latha deug de October. Bha moran sluaigh cruinn, oir bha latha blath, briagha aca air son an aobhair. Tha an cleachdadh a bha measg dhaoine fo cheann bhliadhnachan (’s e sin a bhi gabhail deoch laidir) a dol air ais, agus cha ’n ’eil na h-uiread ’ga gabhal a nis ged tha cuid dona gu leor fhathast. An car a chaidh ’sa mhaide nuair a bha e òg tha e duilich a thoirt as ’nuair tha e air fàs crionta agus tioram. Tha moran a deanamh amadain dhiubh fein leis an deoch a bhiodh ’nan daoine gasda nan seachnadh iad e. Chaidh am muileann flur againn ’sa bhaile so ri theine o chionn mios na dha, agus tha sinn a nis gun mhuileann idir. Cha ’n ’eil mi dol a sgriobhadh a chòrr an drasda, agus bidh mi a gealltuinn a bhi ni ’s dleasdanaiche ann a bhi cur naigheachdan gur n-ionnsuidh anns an àm ri teachd na bha mi roimhe so, ma bhios mi gu maith. Tha dochas agam gu ’m bi muinntir a cur naigheachdan gur n-ionnsuidh as gach cearna de ’n t-saoghal. Slan leibh an trath so. Is mi ur caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Oct. 19, 1900. Tha e toirt deagh mhisneach dhuinn a bhi faicinn ar càirdean cho eudmhor a thaobh luchd-gabhail MHIC-TALLA a chur an lionmhorachd. Tha dòchas againn gu ’m bi iad uile dhe ’n aon inntinn, agus nach ’eil duine aig am bheil ’ainm air ar leabhraichean nach cuir a stigh ainm ùr romh cheann na bliadhna. Cha ’n ’eil an ùine ach goirid, agus cha ’n ’eil latha ri chall. Tòisicheadh iad uile gun dàil. Tha sinn aig an àm so a toirt tairgse d’ ar luchd-gabhail a tha sinn a smaoineachadh bu chòir brosnachadh mor a dheanamh orra gu luchd-gabhail ùr fhaotainn. Chithear an tairgse sin air taobh eile dhe ’n àireamh so. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 133] [Vol. 9. No. 17. p. 5] NAIGHEACHDAN. Am bheil thu dol a dh’ fhaighinn fear-gabhail ùr no dha do ’n MHAC-TALLA air an fhoghar so? Ma tha bidh tu cuideachadh le cainnt do mhàthair a chumail suas. Thatar ag radh gu bheil ri ’m faicinn bhar an rathaid mhóir eadar Broad Cove us Port Hood, seachd fichead sabhal a bha air an leagail leis an stoirm a bh’ ann air an aonamh latha deug dhe ’n mhios. Rinn i sgrios mor an cois a chladaich an iar, agus tha call mor air a chur air na tuathanaich. Fhuaireadh fear Abram Guthro, a mhuinntir Frenchvale, marbh air an rathad-iaruinn faisg air mèinn an Reserve, maduinn Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e gle bhodhar, agus thatar dhe ’n bharail gu robh e coiseachd an rathaid ’s gu’n d’ thainig an carbad air gun fhios da. Bha a chorp air a dhroch mhilleadh. Dh’ fhàg e bean agus àireamh de chloinn. Bha an t-Urr. Alasdair S. Mac-Neill, ministear Orwell, E. P. I., beagan lathaichean aig a sheann dachaidh an Orangedale o chionn ghoirid. Thainig àireamh de chàirdean ’s de luchd-eòlais air chéilidh air aon fheasgar mu ’n d’ fhalbh e, agus thug iad còta béin mar ghibht dha fhéin agus sporan airgeid dh’ a mhnaoi, mar sin a nochdadh am mor spéis ’s an deagh dhùrachd do chompanach an òige. O chionn da bhliadhn’ air ais, bha ceathrar Eadailteach air am marbhadh ann an iorghuill a dh’ éirich ann am baile Tallaluh, an stàit Louisiana. Cha deachaidh duine thoirt gu ceartas riamh airson a ghniomh sin, oir bha gràisg lionmhor m’a thimchioll, agus bha lamhan luchd a cheartais tuilleadh us lag air son an cur an greim. Tha nise ceann-suidhe nan Stàidean, Uilleam Mac Fhionnlaidh, a cur roimhe iarraidh air àrd-phàrlamaid (no Congress) na dùthcha, an ath uair a shuidheas i, suim airgeid a chur air leth air son teaghlaichean nan daoine sin. Tha riaghladh na h-Eadailte, riamh on chaidh am mort a dheanamh, a tagradh air son ceartais d’ an luchd dùthcha, ach gu ruige so cha deachaidh ni sam bith a dheanamh. Tha strike nam mèinneadairean ann am Pennsylvania gu ire bhig seachad. Di-luain s’a tighinn, mur teid ni sam bith cearr, roimhe sin, bidh na mèinnean uile ag obair an lan neart. Fhuair na daoine gach ni air son ’n do sheas iad a mach. Cha ’n ’eil teagamh nach e ’n taghadh a bhi cho faisg air laimh is coireach ri cùisean a bhi air an réiteach ann an ùine cho goirid. Is Republicans iadsan leis an leis na mèinnean, agus nan diùltadh iad iarratusan an luchd obrach as is as, chailleadh a’ phàirtidh sin bhòtaichean nam mèinneadairean ’s luchd-obrach eile anns gach cearna dhe na Stàidean, agus b’ fhearr leotha call mor airgeid fhulang na sin a thachairt. Cha ’n ’eil teagamh nach robh sin ’san amharc aig na mèinneadairean an uair a sheas iad a mach. Chaidh aona mhac Aonghais Mhic Fhionghain, ’sa Mhèinn a Tuath, aois da bhliadhn’ deug, a mharbhadh air dòigh ro-mhuladach Di-màirt s’a chaidh. Bha e draibheadh ann an cairt, agus dh’ fhuasgail am bocsa ’s bha esan air a thilgeadh dhith. Bhuail a cheann air cloich, agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean. Chaochail an Dotair Michael A. Domhnullach anns an tigh-eiridinn ann a Halifacs, feasgar Di-dònaich s’a chaidh. Bha e air a thiodhlacadh ann an Sidni Di-ciaduin. Bhuineadh e do’n “C. M. B. A.” agus lean buill a’ chomuinn sin an giùlan dh’ ionnsuidh a chladha. Bha e 51 bliadhna dh’ aois. Rugadh e aig Amhuinn Dhennis, agus bha e ’na dhotair anns a’ bhaile o chionn àireamh bhliadhnnaichean. Bu bhràthair e do ’n t-Senator Dhomhnullach ann an Glace Bay. Dh’ fhàg e bantrach agus moran chàirdean. Ann an stàid Kansas tha e ’n aghaidh an lagha bhi creic tomhas sam bith de dheoch làidir. Bha duin’ air fhaotainn ciontach o chionn ghoirid, air ’n do chuireadh ùmhladh $4,900, a bharrachd air naodh miosan fichead priosain. Cha robh airgead aige gus an t-ùmhladh a phàigheadh, agus mur dean aon de ’chàirdean cobhair air, bidh aige ri da latha chur a stigh ’sa phriosan air son gach dolair, agus cumaidh sin e air cùl nan uinneagan iaruinn fad ochd bliadhna fichead. Chuirte feum air lagh agus peanaistean dhe ’n t-seòrsa so anns an dùthaich so, ’s gu h-araidh ann an Sidni. Ann an siorrachd Inbhirnis, tha triùir a ruith air son na h-àrd phàrlamaid,—an Dotair Mac-Gill-fhinnein, a bha ’sa phàrlamaid re nan ceithir bliadhna chaidh seachad, agus Somhairle Mac-Dhonuill, no “Sam,” mar a theirear ris gu cumanta, liberals, agus an Dotair Camaran, conservative. Ann an siorrachd Victoria, tha an t-Onarach Uilleam Ros, liberal, agus D. A. Mac-Ascuill, conservative, a ruith. Ann an siorrachd Cheap Breatunn, an Dotair Kendall us Alasdair Johnston, liberals, agus Sir Tearlach Tupper agus Eachunn F. Dùghlach, conservatives. Agus ann an siorrachd Richmond an da Eoseph—Eoseph Mathanach, liberal, us Eoseph A. Gillios, conservative. Thachair gnothuch iongantach ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig fear Dùghallach, o nach d’ fhuaireadh sgeul o chionn faisg air deich bliadhna, dhachaidh, agus fhuair e a bhean a dh’ fhàg e aig an tigh ’nuair a dh’ fhabh e pòsda aig fear eile. ’S ann a leantuinn na mara a bha e, agus ’nuair nach cual’ ise guth uaithe fad na h-ùine bha e air falbh, bha i cinnteach gu robh e air a bhàthadh. Ach cho luath ’sa thainig e, ’sa dhearbh e gu robh e beò, slàn, dh’ fhalbh i comhla ris, a’ fàgail an fhir eile leis fhéin ’san dachaidh ’s ’n do chuir iad seachad iomadh latha sona an comunn a chéile. Ged a bha daoin’ eile ’cumail an latha thachair so mar latha taingealachd, ’se ’s dòcha nach robh moran de spiorad na taingealachd an cridhe ’n fhir sin, a bha air fhàgail na bhantraich ’sa bhean fhathast beò. Stor nan Sutharlanach an stor a’s fhearr an Sidni air son Caiseart agus Aodaich. Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7.20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7.20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein. DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw,” LEATHAR UILE, air $1.15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1.40. H. H. Sutherland & Co. An Stor Thormaid Dhomhnullaich. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILECEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 134] [Vol. 9. No. 17. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 131). feum an àirm. Nuair thòisich muinntir a’ bhaile air gearan gun robh a’ chìs sin tuilleadh as trom, thuirt cuid dheth na Gàeil gur ann bu chòir dhaibh a bhi taingeil a chionn nach fac iad an taighean a dol ’n an lasair mu ’n cluasan. Air madainn an tri-amh latha fichead de ’n mhìos chaidh am Prionns’ agus a’ chuid eile dheth an àrm suas gu Nithsdale agus chuir e ’n òidhche sin seachad ann an Druim-Lannraig an taigh Dhiùc Queensberry; chaidil am Prionnsa féin anns an leabhaidh stàta; agus laidh iomadaidh dheth na daoine air seidein connlaich air ùrlar cuid de sheòmraichean an taighe. Air an ath mhadainn dh’ fhàg am Prionnsa Druim-Lanraig agus ghabh e-féin ’s an t-àrm an t-slighe gharbh thar Dala-bheinn gu Dail-Chluaidh le rùn triall do Ghlasacho, chuir e ’n òidhche sin seachad ann an lùchairt Dhiùc Hamilton, chaith e’ chuid mhor dheth an ath latha ri sealg ann am pàirceachan séilg an duin’-uasail sin. Air madainn an ath latha ghabh an t-arm tro bhaile beag ris an canair Lesmahàgo sios gu Glasacho agus b’ ann air eiginn a chùm am Prionnsa na Gàeil bho theine chuir ris a’ bhaile a thaobh mar a ghnàthaich iad Tighearna Chinn-Loch-Mùideart air dha bhi gabhail tro na bhaile sin air a thuras do Shasuinn.* Thriall iad an sin gun stad do Ghlasacho, be muinntir a’ bhaile sin a b’ fhaide sheas a mach an aghaidh Thearlaich a bha ’n Albainn gu léir. Am feadh ’sa bha ’n t-arm Gàelach ann an Sasuinn thog muinntir Ghlasacho dà cheud diag fear gu seirbheis Dheòrsa. Air latha Nollaig dh’ inndrinn a’ chiad chuideachd dheth na Gàeil baile Ghlasacho, agus air an lathairn-a-mhàireach thàinig am Prionnsa féin a steach leis a’ chuid eile dheth an armailt. Bha na Gàeil mu ’n am so an deigh astar chùig ceud agus cheitheir fichead mìle a dh’ uidhe a choiseachd ann an ùin dha-fhichead latha ’sa sia-diag, ged a bha iad iomadh latha dhiù sin n’an stad. Bha ’n armalit mu ’n àm so air dol gu tur ù uidheam, bha nise dà mhìos bho’n a dh’ fhàg iad “Tir nam beann ’s nam breacan” a’s bha ’n éideadh mar bu dù dha bhi air call a’ mhaise ’s a’ dhath le sion a’s doireann a’s droch ghiullachd eile; bha ’m brògan air diobairt agus an osanan air caitheamh; ach cha robh am Prionns a bheag a dh-ùin ann an Glasacho ’nuair a chuir e seòl air an armailt a chur ann am bròd uidheam; thug e air muinntir a’ bhaile gun do sholar iad 12,000 leine, 6000 cota-gearr, 6000 daothain bhròg, agus an àireamh chianda de dh-osanan. Chuir e sin fios air Proaist a’ bhaile agus air dha thighinn da ionnsaidh dh’ iarr e air ainmeanan na feaghnach a bha togail feachd na aghaidh a thoirt suas dà, oir neo gun crochadh se e cho àrd sa chuireadh maidean e—dh’ fhreagair am Proaist gu dàna “nach ainmaicheadh e duine sam bith ach e-féin: agus nach b’ uabhas leis idir am bàs fhulang air son gnothach co iomchaidh agus cho ceart.”—Co-dhiubh thug Tearlach air a Phroaist gun do phàidh e cis 500 Pund-Sasunnach—Thug e mar an ciand’ air muinntir Phaislig gun d’ ioc iad cìs 500 Pund-Sasannach agus dh’ioc Rinn-fraoich* agus na bailtean eile ma thimchioll Ghlasacho an cìsean féin. Mu ’n àm so dh’ àireamh càirdean Rìgh Deòrs’ ann an Glasacho armailt Thearlach, agus mheas iad i bhi ma thuaream 3600 coisiche agus 500 marcach. *Air do Thighearn og Chinn-Loch-Muideart a bhi pilleadh do Shasuinn, an deigh ’theachdaireachd bho na Prionnsa gu Sir Alasdair Mac-Dhomhnuill, agus gu Mac-Leoid Dhun-bheagain a chur an ceill. Ghabh e fein agus a ghille mar ath-ghorid a chum na criche Sasunnaich tro Lesmahago. Bha beadagan de sgoileir og da ’m b’ ainm Linnings anns a’ bhaile sin a chunnaic Tighearna-Chinn-Loch-Muideart ann an Duneideann, agus air ball dh’ aithnich e gum b’e a h-aon dheth na h-oifigich Ghaelach; a chunnaic e maille ris a’ Phrionnsa’ ann an Duneideann, chaidh e air ball agus chruinnich e muinntir a’ bhaile, thug cuid dhiu leo seanna mhosgaidean glagach: cuid eile gobhlagan aolaibh! agus ghearr iad aithghearra-talmhuinn air an Domhnullach choir, agus dh’ iath iad ma thimchioll. ’Nuair a chunnaic gille an Dhomhnullach am prabar a nochdadh mi-mhodh da mhaighstear chuir e dha na thri de ruagairean na ghunna chum cuid aca thoirt gu talamh, ach cha do cheadaich a mhaighstear dha sin a dheanamh; thuirt e gum bu roghnaiche leis geilleadh na duine dheth na ghraisg a mharbhadh, agus dh’fhuilig e dha na phrasgan thruagh so a ghiulan gu Caisteal Dhuneideann, anns an deach a chumail na phriosanach, gus an deach a thoirt maille ri priosanaich eile gu Carlisle chum a chur gu dith! *Renfrew. (Ri leantuinn.) Tha luchd nam politics a nise nan làn uidheam ann an Canada. Tha an fheadhainn mhóra a liubhairt òraidean anns na bailtean a’s motha ’s anns na h-àiteachan a’s neartmhoire air feadh na dùthcha, agus tha an fheadhainn bheaga a’ deanamh an dichill anns na bailtean a’s lugha ’s anns na h-àiteachan iomallach leth-oireach. Tha Sir Wilfrid Laurier us Sir Tearlach Tupper a’ cur seachad an ùine gu h-iomlan eadar Cuebec us Ontario. Cluinnear gu tric o gach taobh gu bheil iad cinnteach á buaidh, ach ’se latha ’n taghaidh a dh’ innseas le firinn co dha bu chòir a bhi cinnteach. Cha leig duine onarach sam bith a leas mor iomguin a bhi air a thaobh cia ’n taobh a tha gu bhi stigh. Thoireadh e a bhòt do na daoine a ni, ’na bharail-san, gnothuch ceart ’nuair a gheibh iad ann an ùghdarras, agus tha a dhleasdanas deante, biodh an duine no a phàirtidh d’ an toir e a bhòt a muigh no stigh air latha ’n taghaidh. Iadsan a tha daonnan deònach air bhòtadh le duine no le pàirtidh a chionn gu bheil iad cinnteach gu ’m bi iad a stigh, cha ’n ann air son math an dùthcha a tha iad ag obrachadh, ach air son am math fhéin. Thachair sgiorradh air an rathad-iaruinn air eilean Vancouver, B. C., o chionn beagan us mios air ais leis ’n do chaill ceathrar de ’n luchd-turuis am beatha. Fhuaireadh aon de sheirbhisich an rathaid ciontach de bhi dearmadach mu dhleasdanas aig an àm agus thugadh naodh miosan priosan dha. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 135] [Vol. 9. No. 17. p. 7] Tairgse Mhaith. ’S fhiach MAC-TALLA dolar ’s a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhe’n phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:— Neach sam bith nach eil am fiachan do ’n phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1.50 air a chur thugainn aig a toiseach. Tha coig ceud deug de ghabhaltaichean ùra a dhith oirnn romh dheireadh na bliadhna. Am faigh sinn iad? Gheibh, ma ni na Gàidheil an dleasdanas, agus tha sinn a’ creidsinn gu ’n dean. Ni a chuireas na Gàidheil rompa, theid a dheanamh, neo bidh fhios carson. Iadsan a Phaigh. Murchadh Domhnullach, Ceap Nor. Anna Chaimbeil, Ceap Nor. Coinneach Mac Leoid, Ceap Nor. Domhull MacGilleain, Glace Bay. Niall H. Domhnullach, Glace Bay. Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien. Ailean Domhnullach, Amhuinn a Bhradain. T. C. Mac-an-Toisich, Malagawatch. H. C. Mac Aidh Malagawatch. Cailean Caimbeal, an Amhuinn Mheadhnach. Mairi B. Dhomhnullach, S. W. Margaree. Gilleasbuig Gillios, Gleann nan Sgiathanach. Callum Siosal, Brook Village. Iain R. Caimbeal, Jamesville. An t-Urr. Niall Mac Mhuirich, Loch Ainslie. Tearlach I. Mac Aonghais. Loch Ainslie. Iain A. Mac Cuthais, whitney Pier. Ailean Mac Leoid, whitney Pier. An t-Urr. A. Mac-a-Phearsain, Bay St. Lawrence G. D. Mac Eachairn, na Narrows Mhora. Seoras Mac Neacail, Cobh, a Bhiobhair. A. G. Mac Gilleain, Sidni. Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake. Steaphain N. Mac Fhionghain, Shunacadie. Domhull E. Mac Neill, Benacadie. Micheal S. Mac Neill, Gleann Bharra. Aonghhs Mathanach, Gut a Tuath. S. D. Mac-Dhuibhi, Gleann Uilleam, E. P. I. An t-Urr. C. Mac Coinnich, Halifacs, N. S. Ailean Mac Gilleain, Halifacs, N. S. Aonghas Sutharlan, Elmsfield. N. S. Alasdair H. Sutharlan, Diamond, N. S. Bean D. Dhomhnullaich, Glen Road, N. S. Iomhar Mac Cuinn, Stayner, Ont. Iain Moireastan, Dunbheagain, Ont. H. A. Mac Ille-mhaoil, Finch, Ont. Mrs. Nic Leoid, Southampton, Ont. D. Mac Cuthaig, Abbottsford. B. C. Eachunn Dughlach, Exeter, N. H. Iain G. Mac Eachuinn, Woburn, Mass. Bean Sheumais Dhomhnullaich, Winchester. A. Mac Coinnich, San Francisco, Cala. Mrs. C. B. Fox, Boston, Mass. Robt. Turnbull, Bourke, N. S. Wales. A. V. Mac-Gillebhrath, Seana Bhridgeport. Donhull Mac-Gilleain, Sruileigh. Gilleasbuig Mac-a-Bhiocair, Catalone. Bean I. D. Mhic-Gillebhrath, Allt a Bhailidh. Dunnachadh Domhnullach, Sault Ste. Marie. Mairi B. Nic-a-Bhiocair, Enon. Bean Aonghas Dhomhnullaich, Enon. POSADH. Anns a Mhansa, aig Loch Ainslie, air September 20, leis an Urr. Niall Mac Mhuirich, Parmena Waters, a Hogomah, ri Seonaid A. Nic-Aidh Scotsville, C. B. BAS. An deigh tinneas fada, air a ghiulan le mor fhoighidin, chaochail Seonain Nic-Aidh air la na Sabaid, October 7. Bha an tiodhlacadh ann air an ath Dhi-mairt, agus bha ’n t-seirbheis air a cumail leis an Urr. Niall Mac Mhuirich, ministeir Loch Ainslie. Bha i air a tiodhlacadh ann an cladh Loch Ainslie aig an eaglais. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Sgeul ur a tha gu tòiseachadh an ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA. Tha i air a sgriobhadh le “Iain,” ughdar “Taigh na Coille,” “Bean a Mhisgeir,” “Domhull Dona Mac na Bantraich,” agus iomadh sgeul eile a thug mor-thoileachadh do leughadairean a phaipeir roimhe so. Tha daoine ’tha làn chothromach air breith a thoirt ag radh gur i so sgeul a’s fhearr a sgriobh “Iain” fhathast. Tha i ’na sgeul a tha da-rireadh taitneach, agus cha bhi aithreachas sam bith orra-san a leughas i. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN DOMHNACH. A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8.00 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m.,, 11.00 p. m. DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m. A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 136] [Vol. 9. No. 17. p. 8] Oran Stuamachd. Leugh mi an ni ’sgriobh “F. O. S.” anns a MHAC-TALLA mu “ol na bliadhn’ an uiridh” anns na tri rioghachdan—Alba, ’s Eirinn is Sasunn. Tha mi cur m’ aonta ris na h-uile facal a labhair e. Is fior, da rireadh, gu bheil misg is mi-bheus a’ falbh an cuideachd a cheile mar is trice; gu bheil buaidh a chum uilc aig an deoch laidir thairis air gach aon a tha ’nan traillean dhi. Tha na rainn a leanas air an cur ri cheile fo bhuaidh na smuain a dhuisg na briathran ud an inntinn AN SGRIOBHADAIR. FONN:— Sud agaibh an deoch a dh’ olainn, Fior uisge fallain nan lointean. Deoch de dh’ uisge glan an fhuarain, Tha gun truailleadh no fotus. Sud agaibh an deoch, &c. An t-uisge ni bho ’n charraig srùladh, ’S tric a dh’ uraich e mo threoir dhomh. ’S mor gur fearr na ’feadan truailte Thig na chuaich bho bhraich an eorna. Cha b’e uisge beath’ ach bàis e; ’S truagh an àireamh a tha ’n toir air. ’S mor mo thruas ri cor a mhisgeir, ’S iomadh trioblaid ’bheir an t-ol air. Sgriosaidh e do chorp ’us d’ anam; ’S fearr duit dealachadh ri d’ bheo ris. Slaodaidh e do chuid ’s do chliu bhuait, Bheir e na crùin as do phocaid. Fagaidh e gun dreach gun tuar thu, Ni e truaghan bochd gun treoir dhiot. ’S falamh, lom a dh’ fhasas d’ fhardaich;— Seasgair, blath bidh tigh an osdair. Bidh do thigh gun bhiadh gun annlann, Bidh do chlann air bheagan comhdaich; Bidh do bhean gu tric an uaigneas, ’Caoidh gur truagh i rinn do phosadh; Bidh tu fhein a d’ chulaidh bhurta— Lachdunn, luireachail do chota. Muinntir eile greimeil, gniomhach, Modhail, rianail mar bu choir dhaibh. Thusa ’na d’ amadan faoin A cosg le daoraich do chuid storais. Bheiream comhairl’ ort le durachd Thu chur cul ri obair ghorach. Sliochd Lachainn Fhinn. Bha Lachainn Fionn a fuireach ann an Heinis, an Tireadh. Bu mhac e do Dhomhnall Dubh a Chaisteil; agus b’ e Domhnall Dubh mac Eachainn na Blàthaich, mac Eoghainn Airdghobhar, mac Dhomhnaill Airdghobhar, mac Lachainn Bhronnaich, triath Dhubhairt, mac Eachainn Ruaidh nan Cath a thuit ann am blàr Harla ’sa bhliadhna 1411. Bha Lachainn Fionn na dhuine doirbh gu leoir. Ma chreidear gach naidheachd a dh’ innsear uime cha chuireadh e moran dragh air a dhol a null do dh-Eirinn a ghearradh a chinn de namhaid. B’ e Tearlach Mac-Gilleain an Tireadh mac Lachainn, mhic Dhomhnaill Oig, mhic Iain, mhic Eoghain, mhic Lachainn Fhinn. Bha triuir chloinne aige, Lachainn, Iain, agus Mairi. B’ e Gilleasbuig Laidir mac Lachainn, mhic Thearlaich. B’ e am Bard Mac-Gilleain ogha Iain mhic Thearlaich. Agus b’ e Dùghall Mac-Eacharn ogha Mairi nighean Thearlaich. Bha Gilleasbuig Laidir na bhard math agus bha Dùghall Mac-Eacharn faisg air cho math ris fein. Tha e soilleir gu ’n robh a bhardachd a ruith ann an sliochd Thearlaich Mhic Gilleain—Tearlach mac Lachainn mhic Dhomhnaill Oig. Phòs Ailein Mac-Gilleain—Ailein mac Iain mhic Thearlaich—ogha do Niall Mac-Laomuinn, bard Tiristeach, agus bha ceithir mic aige, Domhnall, Iain, Tearlach, agus Niall. Dheanadh Domhnall—ris an abairteadh Domhnall Cùbair—duanagan aotrom. B’ e Iain am Bard Mac-Gilleain, agus a reir coltais thainig a bhàrdachd ann bho na Leathanaich ’s bho Chlann-Laomuinn. Phòs Niall, an ceathramh mac aig Ailein, Mor Dhomhnallach, agus bha naoinear chloinne aige—Mairearad, Anna, Niall Og, Tearlach, Iseabal, Catriona, Fionnaghal, Mairi agus Seumas. Bha Anna pòsda ri Lachainn Mac-Gilleain ’sa Chaolas, agus bha Mairi pòsda ri Lachainn Mac-Gilleain an Urbhaig. Bha mac aig Anna do ’m b’ ainm Niall, agus bha mac aig Mairi do ’m b’ ainm Iain. Tha Niall ann an Glaschu, agus e a seinn gu sgairteil. Is e a rinn “Oran a Cheilidh.” Bha Iain na dheagh bhàrd, ach cha bheo an diugh e. Nuair a leugh Iain Chailein Oran a Cheilidh chuir e a chriomag a leanas ris:— Fhir a rinn oran a cheilidh Dh’ inns thu gle mhath dhuinn na b’ aill leat; Nionagan bhith tigh’nn do ’n choinneamh As gach eilein agus bàgha. Ach cha ’n fhaic mi anns a chòmhlan Te a Ile ’n fheoir ghuirm alainn; Chuir na Duibhnich as an tir sin Siol nan righrean dha ’n robh Ghaidhlig. Dh’ ionndraich mi Morag a Muideart, Chuireadh sunnd fo orain Thearlaich, ’S Alasdair a cur na cluais Mar luaidheadh i clòth ruadh a mhàdair. Cha robh té ann a Lochabar, Dh’ aithris Iain Luim no Nic-Ra’ill, Domhnall Dona no Fear na Ceapaich, Ged bu deiseil dhaibh an dànachd. Tha e soilleir gu bheil bàigh aig Iain Chailein ri Clann-Domhnaill, agus gu bheil sgil mhath aig air òrain a chur ri cheile. G. Ann an Jersey City, toiseach an t-samhraidh, rinn duin’ òg, aois naodh bliadhn’ deug, a chompanach fhéin a mhort air son a chuid airgeid fhaotainn. Bha an gniomh uamhasach sin air a dhearbhadh air, agus thugadh am mach a bhinn bu chruaidhe dh’ fhuilingeadh lagh na stàite, ’se sin deich bliadhna fichead dhe ’n tigh-obrach. Cha do chuir a bhinn taiseachadh sam bith air an òganach aingidh so; bha e miananaich ’sa gàireachdaich fhad ’sa bha ’m breitheamh a labhairt ris. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Clocaichean. A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha. Clocaichean Dusgaidh o $1.00 suas. Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas. Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas. Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas. Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn. BEZANSON, An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 137] [Vol. 9. No. 18. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACHD VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 2, 1900. No. 18. UAIR ’SA BHLIADHNA. O BHEURLA REGINALD GOURLAY. Is ann air an dòigh so a thainig mo charaid, Domhull Mac-an-Tòisich, fear-lagha Gàidhealach, air an do chuir mi eòlas o chionn fhada, agus air an robh mor mheas agam air son a gheur-thuigse ’sa dheagh bheusan, thairis air an sgeul neònaich a tha mi nise ’dol a chur air paipear. Faodaidh mi radh anns an toiseach gu ’n d’ thug m’ eòlas air nàdar suidhichte an duine ’s air na beachdan a bha e ’g altrum orm an sgeul a chreidsinn, agus gu ’n d’ rinn i drùghadh nach bu bheag air m’ inntinn. Bha sinn a smocadh ar pioban anns an t-seòmar bheag anns am bithinnsa ri mo chuid sgriobhaidh us ionnsachaidh, aon oidhcbe o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, ’nuair a thionndaidh an còmhradh gu moirt dhiomhair a rinneadh o àm gu àm roimhe sin ann an caochladh chearnan de na-Stàidean, agus gun fhios gu ruige ’n uair sin co a rinn iad, ni, gu dearbh, a tha fior a thaobh cuid dhiubh. Air dhuinn a bhi ’g aithris mar a dh’ fhairthlich gach innleach us seòl a chleachd luchd a cheartais gus na mortairean a lorgachadh, thachair dhomhsa radh “gu faodadh e bhith nach robh darna leth nam mort a bha air an cur an gniomh ’s an dùthaich air an toirt am follais, agus nach robh radh am measg an t-sluaigh bu lugha b’ airidh air creideas a thoirt da na sin a bha cur an céill nach gabhadh mort cumail am falach.” “Cha ’n ’eil mi cho buileach cinnteach á sin,” arsa Mac-an-Tòisich. “Faodaidh am mortair dioghaltas dhaoine a sheachnadh; ach ’si mo mhor-bharail gu bheil tomad mhath de ’n fhirinn anns na briathran a sgriobh an t-ùghdar ainmeil Tearlach Dickens: ‘Na smaoineachadh neach sam bith gu bheil mortairean a dol as o cheartas, agus gu ’m faod am Freasdal a bhi air uairibh a’ cadal. Tha iomadh fichead bàs pianail ann an aon mhionaid de dh’ eagal dòruinneach a mhortair.’ Agus bha ’n t-eagal dòruinneach so,” ars’ esan, “air aobharachadh le oillt a chuireadh le cumhachd os ceann nàduir, cha b’ ann air inntinn lag no fhaoin bheachdail, ach air inntinn Bill Sykes, aon de na ciontaich bu lugha mothachaidh ’s bu bhrùdeile gnè.” “Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil thu ann an tomhas ceart, a dhuine,” arsa mise, “ged is iongantach leam fear-lagha agus duine gleusda, tuigseach, a chluinntinn a labhairt mar sin. Tha fhios agad fhein na ’s fhearr na th’ agamsa, gu bheil a chogais air a mùchadh ’s air a marbhadh buileach glan anns an àireamh a’s motha de na ciontaich. Tha eadhon am bàs a’ faotainn cuid dhiubh le cogais cho mùchte ’s cridhe cho cruaidh ’sa bha iad latha riamh. Tha mi fhéin a creidsinn gu bheil a chogais gu mor a reir nàdair an duine.” “Dh’ fhaodte gu bheil a thaobh nam peacaidhean a’s lugha,” arsa Mac-an-Tòisich gu smaointeachail air a shocair, “ach a thaobh moirt agus droch ghniomhrran eile, tha mi dhe ’n bharail gu bheil buaidh eigin ag obrachadh air an duine o’n taobh a muigh; ni-eigin a tha air a cheadachadh.” “So, so,” arsa mise, ’s mi deanamh gàire, “am bheil thu ’dol a dh’ innse dhomh gu bheil thu a toirt céill do ’n fhaoin-chreideamh a bha measg dhaoine o shean, gu bheil spiorad an fhir a chaidh a mhort daonnan air tòir a mhortair gus an toirear gu ceartas e?” “Ged is e faoin-chreideamh a their thusa ris,” arsa Mac-an-Tòisich, “tha fhios agad gu bheil e air fhaotainn am measg gach seòrsa sluaigh agus cinnich, agus cha bhiodh sin mar sin gun tomhas mor de ’n fhirinn a bhi ann. Bha mise uair dhe ’n cheart bheachd riut fhein mu na nithean so; ach àireamh mhath bhliadhnaichean air ais thainig cùis f’ am chomhair gu pearsanta, cùis neonach agus uamhasach, a thug orm mo bheachd atharrachadh gu tur. Cha d’ thug mi iomradh riamh air ri neach sam bith, eadhon riut fhein, an caraid a’s fhearr a th’ agam—bha iomadh aobhar air a bhi ’ga chumail ’an cleith. Ach tha gach aon ris an robh ’chùis a beantuinn a nise marbh, agus cha dean e cron sam bith iomradh a dheanamh air. Tha an sgeul ro-iongantach, agus thoir fa-near, cho fior ’s cho uamhasach ’s nach mor nach ’eil eagal orm a h-aithris eadhon dhutsa. Am bu mhath leat a cluinntinn?” “Gabh romhad!” arsa mise. “Mu thoiseach a mhios Màigh, ’sa bhliadhna 1871,” arsa Mac-an-Tòisich, “bha mi air mo thurus dhachaidh, an deigh a bhi ag iasgach bhreac an ceann a tuath Chuebec, do bhaile beag Frangach as an d’ fhalbh mi do ’n choille, agus as an robh mi ’cur romham tilleadh do bhaile Chuebec. Bha aon fhear-iùil agam còmhla rium—Francis Le Maitre, tuathanach Frangach, mar a bh’ anns gach aon de luchd-àiteachaidh na cearna fàsail anns an robh mi, duine còir, modhail, mar a th’ annt’ uile. Bha sinn mu ochd mile on bhaile mu dhol fodha na gréine, agus air dhuinn a bhi gle sgith a tarruinn a chanù far an robh easan no uisge tana ’s ag iomradh an aghaidh an t-sruth làidir, dhragh mi-fhéin us Francis an canù gu tir, thagh sinn àite math réidh agus champaich sinn. Bha dubh-thràth na h-oidhche ann mu ’n d’ fhuair sinn ar bùth a chur suas ’s ar suipear a ghabhail, ach bha Francis, a bha ’n aghaidh dhuinn a dhol air tir anns an àite idir, a nise air son sinn a leantuinn ar turuis. Chuir so ioghnadh nach bu bheag ormsa, oir bha a chuid dhe ’n abhainn a bha eadar sinn ’s am baile làn easan us thanalaichean, agus cha b’ urrainn dhuinn an t-slighe dheanamh anns an dorchadas gun ar beatha chur an cunnart. Ach bha esan air son falbh a dh’ aindeoin cunnairt, agus ’nuair a dhiùlt mise as us as feuchainn ris a bhaile thoirt a mach gu maduinn, bhrist e mach gu cas ag radh, “Fàgamaid an t-àite so co-dhiù.” Cha b’ urrainn dhomh a thuigsinn ciod a b’ abhar dha a bhi cho diorrasach gus an t-àite fhàgail; ged a thuirt e rium mu dheireadh, an deigh dhomh a cheasnachadh gu mion, gu robh droch ainm dhe ’n àite, ’s nach robh e cneasda bhi fuireach ann. Dh’ fheuch mi ri tuilleadh fhaotainn uaithe, oir bha mi fiosrach air saobh-chreideamh nan daoine simplidh a bha ’n ceann a tuath Chuebec, agus bha amharus agam gu robh ni-eigin a b’ fhiach fhaotainn a mach air chùl an eagail a bha e nochdadh. Ach ged a bha e an-fhoiseil agus fo eagal, cha robh e dol a dh’ innse ciod a b’ aobhar, agus mu dheireadh dh’ fhàs e dannara ’s chaidh e do ’n bhùth far ’n do dhùin e e-fhéin a stigh mar gu ’m biodh eagal air a bhi ’faicinn an àite ’san robh sinn. ’Nuair a bha e ’ga shuaineadh fhéin anns na plaideachan, chuala mi e ’bruidhinn gu h-iosal ris fhein. “Cha bhithinn cinnteach,” ars’ esan, “nach fhaigheadh mo mhaighstir ann an coilltean St. Rémi ni a bhios moran na’s miosa na bhi dol troimh easan na h-aimhne ’san dorcha.” Thuig mi gu robh rud-eigin a’ cur eagail a chridhe air an duine, agus thug mi mathanas dha air son e bhi cho dannara rium; oir bha Francis ’na dhuine treun, modhail, agus ’na shàr fhear-iùil. Mar sin leig mi leis, las mi mo phiob, agus choisich mi sios taobh na h-aibhne ri solus na gealaich, ’ga fhàgail-san gu dhol a chadal na ’m b’ urrainn dha cadal a dheanamh. Bha mi mu chairteal na h-uarach am sheasamh ag amharc air bòidhchead na h-aimhne, ’s an fhàsaich chreagaich, choilltich a bha ’n taobh thall dhith, ’nuair a chuala mi cnacail am bun nam preas shios aig an abhainn, agus roladh chlach, agus ann an tiotadh sheas mu m’ choinneamh air a’ chnocan bheag reidh air an robh mi—duine. Bha solas na gealaich a dearrsadh gu boisgeil timchioll orm, agus ’nuair a thainig e am fagus domh bha mi ’ga fhaicinn gu soilleir. Bu tuathanach Frangach e, a reir gach coltais a mhuinntir na sgire, air a chòmhdach ann an aodach dùthcha, agus ghluais e roimhe mar neach a bhiodh eolach air an t-slighe ’sa bhiodh air cheann gnothuich. Chuala tu am facal a th’ aca ’s na h-àiteachan cùil, “Is caraid gach duine ’sa choille;” thug mise mar sin ceum a null far an robh an coigreach gus fàilte chur air, agus an sin chunnaic mi ’aghaidh. Cha b’ aodann duaichni idir e—’s ann a bha coltas gle thuigseach air de dhuine dhe sheòrsa; ach bha ni na ghnùis a bheireadh ort a thaghadh á measg mhiltean. Bha coltas oillt ann, ach os ceann gach ni eile, bha mar gu ’m faiceadh tu dùil eagallach ri uamhas a bha gu tighinn, agus mar an ceudna coltas a bhi làn shuidhichte air an ni sin a choinneachadh. Dh’ fhàg a choltas mi ann an suidheachadh inntinn nach robh fada bho eagal, ged a bha mi aig an àm cheudna a’ gabhail truais ris an duine. Bha mi anns a cheart shuidheachadh - inntinn uair eile, eadar a bhi gabhail gràin agus truais de mhortair a chunnaic mi ’ga thoirt a mach gus a chrochadh, ’sa mhisneach air a threigsinn a dol an coinneamh a bhàis nach robh a neart comasach air a ghiùlan. Thilg mi dhiom na faireachduinean sin co-dhiu, agus bhruidhinn mi ris an [TD 138] [Vol. 9. No. 18. p. 2] duine. “Tha oidhche bhriagh’ ann, a charaid; tha thu anmoch ris a choiseachd, agus on tha ’n camp’ agamsa dlùth air laimh, ’s fhearr dhut fuireach comhla ruinn gu maduinn. Cha ’n eil an so ach dùthaich gharbh gu bhi siubhal na h-oidhche.” Chlisg an duine, agus an ceann tiotaidh fhreagair e le guth trom, tùchanach, mar neach a bhiodh a ceannsachadh gluasad mor inntinn:—“Tha, a charaid, oidhche bhriagh’ ann; acn cha ’n urrainn domh fuireach—cha ’n urrainn domh stad uair no mionaid! Tha dùil rium.” Thainig crith throm air. “Tha e a’ feitheamh rium.” Bha coltas cho fiadhaich air an duine ’s gu ’n do chuir na briathran neònach so a labhair e crith air m’ fheòil. “Dean air do shocair,” arsa mise. “Am bheil fhios agad nach ’eil coltas ort a bhi slàn gu leòr gu bhi a’ siubhal idir? Tha an fhior dhroch dhreach ort B’e ’n gliocas dhut tigh’nn do’n bhùth ’s an oidhche chur seachad comhla riumsa.” “Cha dean mise tàmh ann am bùth neach sam bith a nochd,” fhreagair e anns a ghuth throm, thùchanach ’s an do bhruidhinn e roimhe. “Is e so an darra latha deug dhe ’n Mhàigh. Tha e ’g am ghairm as na coilltean—as an àit uamhasach ’s an d’ rinneadh an gniomh. Air sgàth an Dé mhoir a tha peanasachadh a pheacaich, na cum air m’ ais mi agus na dean mo leantuinn. Is mise Pièrre La Rose; is leis an Droch Fhear mi a nochd!” Thilg e dheth an lamh leis an robh mi feuchainn ri chumail air ais, sgar e na preasan o chéile, agus ann an tiotadh bha e as mo shealladh a’ gabhail suas an cois na h-aibhne. Sheas mi car greis far an robh mi, gun fhios agam ciod a dheanainn, agus a dh’ innse na firinn, bha mi air chrith leis an eagal; oir ged a tha ’n comhradh a bh’ againn ciùin gu leòr an àm a bhi ’ga innse an so, bha ni-eigin mu ’n duine fhéin a thug orm a bhi gle shuarach mu fheuchainn ri chumail air ais, no eadhon mu bhi fuireach ’na chainnt. Ach air dhomh mi fhéin a neartachadh, chaidh mi air ais do ’n champa gu Francis a chur air a chois agus a dh’ innse dha na chunnaic ’s na chuala mi. Fhuair mi Francis ’na dhùisg, agus bha e anabarrach toilichte m’ fhaicinn. (Ri leantuinn.) Tha coig ceud deug de ghabhaltaichean ùra a dhith oirnn romh dheireadh na bliadhna. Am faigh sinn iad? Gheibh, ma ni na Gàidheil an dleasdanas, agus tha sinn a’ creidsinn gu ’n dean. Ni a chuireas na Gàidheil rompa, theid a dheanamh, neo bidh fhios carson. Is fhearr do dhuine bhi ’snaim nan sop na bhi ’na thàmh. A’ BHASCAID BHEAG FHLURS. O’n Bheurla. CAIB. XXIII. GNOTHUCH AOIBHNEACH EILE. Air an ath shamhradh, ’n uair a bha an grunnd air fàs uaine ’s gach ni fo bhlath, thainig an t-Iarla ’s a’ bhean ’s a’ nighean gu Ichburg, agus bha Màiri ri bhi comhla riutha, ’na h-àite fhein ri taobh Amelia. Aig tighinn an anamoich bha iad a dluthachadh ri Ichburg, agus bha uchd Màiri ag oibreachadh le gluasad inntinn air dhith tighinn am fradharc na seann eaglaise le stiopull glas a’ soillseachadh le grian an fheasgair, a bha ’san àm a’ dol fodha, an seana chaisteal urramach aig an Iarla agus taigh beag cumanta a h-athair, ni bu toilichte bh’ ann. Thainig deoir ’na sùilean, agus thubhairt i le guth mor: “Bu bheag mo smaointean, ’n uair a chaidh mo chuir air falbh á Ichburg, gu ’n tillinn air ais ann gu brath mar so, le aoibhneas ’us onair. Nach miorbhuilleach tha Dia a stiùireadh gach cuise, agus cho mor ’s a tha ’mhathas!” ’Nuair a rainig carbad an Iarla an dorus bha an stiubhard ’s gach aon eile de na seirbheisich deiseil gu failte a chuir air an tighearna. Rinn a h-uile aon dhiubh beatha Màiri, bha iad ro-thoilichte a faicinn a’ tighinn a rithisd, agus rinn iad gairdeachas rithe air son gu ’n deachaidh fhaighinn a mach gu ’n robh ì neo-chiontach. Ach rinn an ard-mhaor no baillidh a’ bhaile barrachd sog rithe na càch, rug e air laimh oirre, mar gu ’m b’e ’h-athair a bhiodh ann, dh’ iarr e mathanas oirre airson na thachair, thug e taing do ’n Iarla ’s do ’n Bhan-Iarla airson an dioladh-fiach eireachdail a rinn iad airson an eucoir a thachair daibh a dheanamh gun fhios, agus gheall e a chionn gu’n robh a chuid bu mhotha de ’n choire aige-san, mar sin gu ’n deanadh esan a dhichioll gus a’ chuis a chuir na h-aite fhein. Air an ath mhaduinn dh’ eirich Màiri, ’s i ann a’ gean ro-mhath. Eadar a solas-inntinn agus grian bhoillsgeil na maduinn Mhàigh, a bha dealradh gu toilichte tromh ’n uinneig, dhuisg i gle mhoch. Thog i rithe a choimhead taigh a’ h-athair agus a’ ghàraidh. Choinnich iomadh aghaidh aoidheil i air an rathad; bha moran ag amas oirre de dh’ fheadhainn air an robh i eolach ’n an cloinn bhig, ach bha i ’gabhail ioghnaidh cho mor ’sa dh’ fhas iad. Thachair an seann tuathanach ’sa bhean rithe aig dorus a ghàraidh, dh’ fhailtich iad i le gràdh, agus dh’ innis iad dhi cho sunndach, toilichte ’s a bha iad ann a sud. “Bha uair,” ars’ an tuathanach, ’s deoir thoilichte na ’shuilean, ’n uair a bha thusa gun fhasgadh, ghabh sinne stigh fo ’r n-ardaich thu; agus a nise, ’n uair a tha sinne, mar gu ’m b’ eadh, air ar sgiursadh air falbh o ar taigh fhein, thug thusa dhuinn an t-aite tamha tiorail so ’n ar sean aois.” “Thug, gu dearbh,” ars’ a’ bhean, “is mor a’s fhiach a bhi ciùin ’us caoimhneil ri feadhainn eile; oir cha ’n ’eil fios againn gu de dh’ fhaodas tachairt.” “Cha ’n e sin, cha ’n e sin,” ars’ an tuathanach, “cha do smaointich sinne air a sin idir, agus cha mhotha a rinn sinn anns an inntinn sin e. Ach tha e ’n comhnuidh fior, gum faigh luchd na trocair trocair.” Chaidh Màiri a stigh. ’N uair a chunnaic i an rùm-suidhe ’s an t-àite ’sam b’ abhaist da ’h-athair a bhi, thog e smaointeanan gràdhach ’na cridhe. Chaidh i, as deigh sin, do ’n ghàradh; bha gach craobh a chuir a h-athair a’ sealltainn mar gu ’m biodh iad a’ cuir fàilt’ oirre, air an seana bhana-charaid. Thionndaidh i ris a’ chraoibh ubhail, a bha ’san àm fo bhlàth: “Mo chreacbh!” ars’ ise, “nach gearr saoghal mhic an duine; caochlaidhidh esan, ach bithidh gach craobh ’us preas ann fad as a dheigh.” Rinn i sin suidhe, far na chuir i cho liuthad latha sona seachad comhla ri ’h-athair. Air di bhi greis a coimhead air a’ ghàradh a chuir e air doigh le falus a’ ghruadhach, bha i air leatha ’ga fhaicinn ma coinneamh. Leis ’na smaointean so thainig na deoir, ach bha i gle earbsach a smaointean gu ’n robh e a nis’ an àit’ a b’ fhearr, agus a’ faighinn duais an sin airson na h-oibre a rinn e ’an so. A h-uile samhradh thainig Màiri, fad beagan sheachdainean, gu ruige Ichburg, comhla ri teaghlach an Iarla. Bhithidh i ’fuireach comhla ri Amelia, air a’ h-urramachadh ’s air a’ gradhachadh le gach aon. Air maduinn araidh bha i ’na suidhe comhla ri Amelia aig a’ bhord-oibreach, ’s iad le cheile trang a’ deanamh gùin. Gun suil no duil ris, co thainig a stigh ach am maor-riaghlaidh, agus rud a b’ iongantaiche na sin uile, e ’na lan eideadh, ged nach robh ann ach latha seachdain. Sheall na h-igheanan air a cheile le ioghnadh, ’s gu ’n iad a tuigsinn gu de bu chiall de ’n chuis. Rinn am maor a bheic an toiseach dha ’n Bhan-Iarla, agus thuirt e an sin gu ’n deach a chuir air teachdaireachd àraid gu Màiri. Thuirt e rithe gu ’n robh Fearchar, a mhac, air ainmeachadh gu caoimhneil leis an Iarla na fhear-cuideachaidh dhasan ’san àm, agus gur e bha air a chomharrachadh a mach gu bhi ’na aite-san mar mhaor-riaghlaidh an deigh a bhàis; gu ’n d’ thuirt Fearchar ris-san, air an fheasgar roimhe sin, gu ’n robh e an deigh gaol mor a ghabhail air Màiri, air son a cridhe math, agus air son gach deagh bhuaidh a bhuineadh dhi, agus nach deanadh sona e ach am faighinn dha fhein mar mhnaoi. Ach mar mhac dleasnach cha do leig e bheag air gus am faigheadh e cead athair, rud, air an aobhar sin, a dh’ iarr e. Thug athair a chead dha ’s a’ mhionaid, le uile chridhe, agus ghabh e os laimh bruidhinn ri Màiri e-fhein, airson a mhic ionmhuinn. Bheireadh am pòsadh so am barrachd sòlais da, thuirt esan, agus na deoir a’ tuiteam bho shuilean, nam biodh e ’na mheadhon air cothrom ’thoirt da gus dioladh a dheanamh airson an ana-ceartais a rinn e air Màiri, agus a choisinn da iomadh latha tùrsach. Bha e ann an dòchas nach robh gràin aig Màiri air a mhac air sàilibh na h-eucoir a rinn ’athair oirre gu ’n fhios da, air neo ma dh’ fhaoidte, air sàilibh a bhi feuchainn tuilleadh is laidir ris a cheartas a dheanamh; bha e ann an dòchas nach cuireadh i cùl ris, co dhiu, airson an reusain sin. Dh’ fhuirich e an sin samhach, agus bha e feitheamh ach gu de ’theireadh Màiri. Is ann a bhà ’n tairgse so car deuchainneach air Màiri. Cha robh fhios aice an toiseach gu de ’theireadh i, agus thainig rudhadh trom ’na gruaidhean. Bha mac an ard-mhaoir ’na ghill’ òg, fiachail; bha e air ur thigh’nn a mach as an oil-thigh, far an d’ thug e deagh chliù air fhein ’an ionnsachadh, agus bha h-uile duine gle mholtach air bho ’n fhuair e ann an dreuchd; bha a ghiulain beusach, bha ’chridhe uasal, bha ’dhoighean taitneach, agus comhla ris a h-uile rud, bha e ’na ghill’ òg ro-mhaiseach. Choinnich agus bhruidhinn e gu tric ri Màiri ’an gàradh a’ chaisteil, far am b’ àbhaist di dhol maille ris a chòrr de ’n teaghlach, as deigh na dinnearach; bha e cho deigheil air a bhi ’na cuideachd ’s gu ’n a thuig Màiri gu ’n robh gràdh aige dhi, agus bhuail e ’na h-inntinn, cuideachd, gu ’m faodadh i ’bhi gle thoilichte comhla ris. Ach cha d’ thug i cluas do ’n smaointean sin, bha i tuilleadh a’s banail, agus bha i smaoineachadh nach ruigeadh i leas a bhi seoladh cho ard. Bha i mar so a’ cumail smachd air a h-inntinn, seach dad sam bith a thachairt a dh’ fhàgadh mi-thoilicht’ i, agus as deigh so thug i fanear nach bitheadh e iomchuidh a bhi coinneachadh Fhearchair ’s a ghàradh. Air an aobhar sin, ged a bha ’n tairgse mar a miann, cha b’ urrainn di freagairt a thoirt seachad ’sa mhionaid. Le màldachd mhaighdeanail agus le rudhadh ’na gruaidh fhreagair i le guth iosal gu ’n d’ thainig tairgse cho urramach sid ro chabhagach oirre—gu ’n robh i ’griosad air beagan uine gu meorachadh mu ’n chuis—gu ’m feumadh i a comhairl’ a chuir ris an Iarla agus ris a’ Bhan-Iarla, a bha mar athair ’s mar mhàthair dise. Bha an t-ard-bhàillidh ro-thoilicht’ as an fhreagairt a fhuair e; oir bha e [TD 139] [Vol. 9. No. 18. p. 3] gle chinnteach gu ’m biodh am pòsadh so ro-thaitneach leis an Iarla ’s le ’mhnaoi. Chaidh e gun dàil far an robh iad, agus ghabh iad le cheile ris an tairgse gu toileach. Ars’ an t-Iarla: “Tha thu toirt sgeula taitneach d’ ar n-ionnsaidh, fhir mo chridhe! ’S iomadh uair a bha sinn a’ bruidhinn eadrainn fhein air cho math ’sa fhreagradh Fearchair ciatach agus Màiri chaoimhneil air a cheile, gu ’n deachaidh an cruthachadh air son dol cuideachd. Ach thug sinn deagh fhaicill nach faigheadh feadhainn eile a mach ar cuid smaointeanan, gu ’n fhios nach faodadhmaid a bhi gu mor am mearachd, oir cha robh ar toil ri bhith ’na fàint’ idir; agus ’an càs pòsaidh tha e robh mhi-thaitneach leinn gu ’n rachadh aon sam bith a chuir ’an aghaidh an toil. Agus tha chuis a nise moran ni ’s toilichte leinn ’chionn gu ’n thuit an gnothuch tachairt direach mar bu mhiann leinn, gun sinn fhein a ghradhainn guth.” Ars’ a’ Bhan-Iarla ris a’ bhàillidh: “Tha mi ’g orduchadh moran toilinntinn a bhi agaibh. Gheibh sibh ann am Màiri rogha nan nighean, agus ur mac, rogha nam ban. Chaidh Màiri a thogail ’an sgoil an annraidh, agus sin sgoil a’s fhearr. Theid gach ni stacach—agus tha beagan de ’s an duin’ a’s fhearr—a chosg gu math air falbh le trioblaidean. Tha Màiri làn umhlachd ’na cridhe. Cha deachaidh a milleadh riamh le brosgul; ’s i nighean is banaile ’s is neo-chiontaich a’s aithne dhomh; tha i uasal, ciùin, agus ’na deagh bhana-Chriosduidh. Bho h-oige tha i eolach air a h-uile seors’ obair; ’chionn gu ’m beil fios aic’ air gach seors’ obair taighe tha i mar sin ro fhreagarrach gu obair taighe ’riaghladh. Agus airson ard-uaisle ’s ionnsachadh, fhuair i iad ’s a bhaile-mhor, na dh’ fhoghnas di, gu ’n diubhar a dheanamh de shubhailcean math eile. Tha mais’ ’us beusachd air an co-thathadh ri cheile ’am Màiri ’an doigh ionmholta. Ni i bean fhiachail ’s gach doigh, agus bithidh do mhac ro-thoilichte comhla rithe.” Cha ’n ’eil a bheag tuilleadh ri innse. Thainig la na bainnse, agus bha a chàraid òg air an sgeudachadh an deiseachan gle fhreagarrach da ’n staid. Bha iad a’ sealltuinn ro-mhath. Bha na cairdean uile toilichte mar thachair, agus bha moran dhiubh an lathair a phòsaidh. Fhuair Fearchar ’us Màiri air aghart gle mhath; cha robh iad saor bho bheagan thrioblaidean, ach bha ’n creidimh laidir, agus chaidh ac’ air an giulan gu ’n ghearain. Slan leotha!—Eadartheangaichte le D. D. Mac Pharlain. (A’ chrioch.) Ann an Sidni, Di-luain s’a chaidh, rugadh do Andra Mac Leòid, a tha ’na engineer air an rathad-iaruinn, triùir mhac. Tha na gillean ’s am màthair ann an deagh shlàinte ’sa tighinn air adhart gu math. LITREACHAS SEASMHACH AR DUTHCHA. LE DONNRUADH. Am measg dheagh bhuadhan eile a tha ri ’m faotainn ann an Litreachas Seasmhach ar dùthcha—Gaidhlig ’us Beurla—tha aon nì a tha ’seasamh a mach gu comharraichte agus gu cliùiteach—agus ’s e sin, an co-fhaireachdain shonruichte a tha air an taisbeanadh eadar Litreachas Seasmhach ar dùthcha agus sgriobhaidhean a’ Bhìobuill, agus na teagasgan beusach a tha gu coitchionn air am pàirteachadh. Cha ’n ann a mháin ann an sgriobhaidhean Diadhach a gheibhear so air a thaisbeanadh, ach tha na buadhan sin a’ seasamh a mach gu follaiseach ann an oibribh nam feallsanach, ’s nan bàrd a’s àirde cliù, mar tha Shakespeare, Milton, Wordsworth, Bacon, agus móran eile de na sgriobhadairean Beurlach, cho math ri Bàird agus sgriobhadairean rosgach na Gaidhealtachd. Tha móran de sgriobhaidhean nan daoine sin lionmhor ann an samhlaidhean sgriobtuireal, agus tha an argumaidean agus an comh-dhunadh air an tarruing gu tric o mhathair-aobhar na Firinn—am Biobull. Tha teagasgan deusach an Tiomnaidh Nuaidh r’ am faotainn ann an inntinnean dhaoine a sgriobh ciadan de bhliadhnachan roimh theachd Chriosda agus mu ’n deachaidh facal de ’n Tiomnadh Nuadh a sgriobhadh. Agus, a bharrachd air sin, is tric a gheibhear, eadhon am measg ùghdairean a tha neo-bhaigheil agus naimhdeil do ’n Bhìobull, an co-aonachd ceudna. ’Se ’n comh-dhunadh gus an tigear mu ’n chùis so, mata, gu ’m bheil ni-eiginn sonruichte, suidhichte ’s an duine, a tha ’g aomadh—ma dh-fhaoidte neo-fhiosrach dha fhéin—a chum ùmhlachd a thoirt do ’n mhaitheas sin a tha ri ’fhaotainn ann an nadur an duine. A dh’ andheoin an uilc a tha ceangailte ris an duine gu nadurra, tha móran maitheis ’n a nadur a tha ’g oibreachadh ann an iomadh dòigh gu bhi a’ cath an aghaidh an uile ris am bheil e ’g aomadh. Am measg Litreachas Seasmhach ar dùthcha, cha ’n àireamhar na leabhraichean lionmhor a tha air an cur a mach bho àm gu h-àm, agus a tha cronail agus mìllteach d’ an luchd-leughaidh. Air an là duigh, tha seorsa litreachais air a sparradh air an t-saoghal a tha cho faoin, faileasach agus millteach, ’s nach fhiach e ’bhi air ainmeachadh ann an aon ghuth ris an Litreachas sin a tha gabhail saothar bhliadhnachan mu ’m faic e solus latha. Tha an litreachas millteach so a fagail gath puinseannta ann an inntinn an luchd-leughaidh, a’ deoghal gach maitheis agus duinealachd as an nadur, agns a’ cruthachadh bheachdan cearr ’n an inntinnean mu ’n dleasdanas anns an t-saoghal. Ged a dh-fhaodas leabhraichean de ’n t-seorsa sin droch thoradh fhagail ’n an déigh, gidheadh cha ’n ’eil an litreachas seasmhach. Tha e mar na ballagan-losguinn—cinnidh e suas ann an oidhche, ach seargaidh e air falbh cho luath. Ann an oibrean nan ughdar a’s cliùtiche, tha e furasd ’fhaicinn nach e cumhachd no àillidheachd an ceud-fadhan, a mhàin, a tha toirt maisealachd agus ùrachd do gach nì a tha seasmhach ann an Litreachas, ach gur e beusalachd an Litreachais sin an cumhachd sonruichte a tha ’g oibreachadh mar thaos-goirt chum maith. An nì a tha truaillidh agus mi-bheusach ann an litreachas tha e ’faotainn bais—cha ’n urrainn dha ’bhi seasmhamh. Faodaidh nithean mi-bheusach a bhi air am measgadh suas le teagasgan math ann an oibrean nan ughdar a’s fearr, ach ré uine chithear na nithean mi bheusach air an glanadh a mach, agus air an dealachadh eadhon mar tha ’n smùir agus an spruileach air an dealachadh o’n mhiotailt luachmhor. Trid uine tha am maitheas a tha ’s an t-saoghal a’ comharrachadh a mach agus a dealachadh an nì a tha truaillidh bho ’n nì a tha math, agus mar sin tha teagasgan mi-bheusach air an cur air chùl, agus teagasgan fiachail air an gabhail riù, agus air an cur air bonn seasmhach. Gabhamaid, mar eisimpleir, sgriobhaidhean a Bhaird Burns. Ciod e a tha togail ainm a’ Bhaird so gus an àirde sin a choisinn e, agus air am bheil e airidh? Cha ’n e, gu cinnteach, nì sam bith neo-bheusach a sgriobhadh leis, ach an fhirinn ghlan, agus na teagasgan soilleir agus math a tha air an stéidheachadh air carraig dhainginn na firinn. Air an sgrùdadh agus air an glanadh bho gach nì a bha air a mheas cronail, tha oibrean a Bhàird—Burns—a seasamh a mach gu comharraichte am measg litreachas seasmhach ar dùthcha—tha iad mar dhealbh fidhte de dh-inneach òir agus dlùth airgid. Amhairceamaid a rithist air oibrean a Bhàird Shasunnaich—Shakespeare—agus chi sinn annta sin co-aonachd, co-fhreagradh, co-fhaireachdainn, agus samhladh sonruichte ri firirm thaisbeanta an Sgriobtuir. Ann am móran nithean, ach gu sonruichte mar sgriobhadair Dhàn-chluiche, tha e os ceann nan uile. Tha a sgriobhaidhean cho torach ann an samhlaidhean sgriobtuireil, ’s gur gann a dh-fhosglar iad, gun tighinn tarsuinn air aon no cuid dhiugh. Ciod air bith am mi-chòrdadh a dh-fhaodas a bhi eadar luchd-leughaidh agus luchd-beachdachaidh an ùghdair so air puingean eile, tha co-chòrdadh comharraichte mu ’n phuing so—gu ’m b’e ’m Biobull an tobar sonruichte bho ’n do ghabh e a stigh na teagasgan àrda agus mìorbhuilleach a tha air aa nochdadh ’n a oibrean, agus gu’ m b’ e am Biobull a h-aon de na cumhachdan sonruichte a dhealbh agus a stiùir inntinn mhór an duine ainmeil so. Troimh a sgriobhaidhe n uile, tha sruth beothail, lasrach, dearrsach agus beusach a ruith, a tha co-fhreagairt ri teagasgan oirdhearc a’ Bhiobuill, agus a deanadh a suas dealbh-bhriathra cho àillidh dreach ri dathan a bhogha-fhroise, agus cho cumhachdach, dealrach ri gathan boisgeallach na gréine aig àirde mheadhon latha. Gun teagamh b’ e am Biobull leabhar a bha a reir a chridhe, agus cha ’n ’eil teagamh, mar an ceudna, nach aontaicheadh e leis an aidmheil sin a rinn an Germailteach ainmeil, Goethe—“’S e mo chreidimh anns a’ Bhiobull a bha ’n a riàghailt stiuraidh dhomh ann an obair litreachail mo bheatha. Bha e dhomh-sa ’n a earras air a dheadh bhuileachadh, agus a thug dhomh riadh toradh.” Chuir Shakespeare a thaice ann an teagasgan a Bhiobuill, agus ’s e sin am prìomh aobhar gu ’m bheil a sgriobhaidhean cho seasmhach. Tha linn an deigh linn a dearbhadh luach agus seasmhachd a litreachais; agus faodar a ràdh nach eil na leabhraichean agus na teagasgan a tha ’cur air chul agus a fàgail a mach cumhachd Priomh-ughdar nan uile nithe idir cho seasmhach ann an inntinnean an t-sluaigh. Tha lìonmhorachd nan samhlaidhean sgriobtuireil a tha r’ am faotainn ann an oibrean Shakespeare a’ soilleireachadh dhuinn cho min-eolach ’s a bha e anns an Sgriobtur, agus a chum so a dhearbhadh faodar eisimpleir no dhà de ’n t-seorsa so a thoirt seachad. Gabhamaid a’ cheud eisimpleir bho ’n Dan-chluiche—“Tha gach nì gu math a chaiochnaicheas gu math,” far am bheil Helena, nighean lighich ainmeil, a’ feuchainn ri toirt air Righ na Frainge leigheas eiginn a chleachdadh airson a thinnis. Cha ’n ’eil a’ mhaighdeann so ach glé òg, ach tha i, gu h-ealanta, a’ toirt air aghaidh argumaidean cumhachdach as leth a h-oige agus a h-ana-cleachdaimh. “Esan a’s Fear-criochnaiche nan oibrean a ’s mò Tha gu tric ’g an coimhlionadh le meadhonan laga; Mar so, tha breathnachadh ann an naoidhean air a thaisbeanadh, ’Nuair a bha breitheamhan ’n an naoidheanan. Shruth tuiltean móra bho thobairean beaga, Agus thiormaicheadh cuantan móra Nuair ’bha miorbhuillean air an aicheadh. ’S tric a dh-fhailinicheas dóchas, agus ni ’s trice Far am bheil na geallaidhean mór; Agus ’tric a bhuaileas e far am fuaire dóchas, Agus far am motha eu-dòchas.” Tha a’ cheud dà shreath a’ toirt ’n ar cuimhne an earann sinn ann an litir Phoil do ua Corintianich (I). i. 27. “Ach roghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghail so chum gu’n cuireadh E naire air na daoine glice, agus (Air a leantuinn air taobh 142). [TD 140] [Vol. 9. No. 18. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, NOBHEMBER 2, 1900. B’ e Di-ciaduin latha mor an ainmeachaidh, agus anns gach siorrachd air feadh Chanada ’s am bheil taghadh gu bhith, bha cothrom air a thoirt do na fir a tha ’g iarraidh do ’n phàrlamaid am beachdan a chur an ceill do ’n chuid sin de ’n t-sluagh a thogair a dhol g’ an éisdeachd. Ged nach eil na coinneamhan so, aig am bi iadsan a tha ruith air gach taobh a labhairt, agus luchd-cuideachaidh gach taoibh ’g an éisdeachd, aig gach àm cho rianail ’s bu mhath le daoine tha gaolach air an t-sith, cha bhitheadh e ’nar barail-ne ceart sgur dhe ’n cumail; oir air an dòigh so gheibh daoine cothrom air an da thaobh a chluinntinn, agus bidh iad mar sin na ’s cothromaiche air breth cheart a thabhairt na bhitheadh iad mur cluinneadh iad ach aon taobh, no eadhon ged a chluinneadh iad an da thaobh a labhairt air leth. Ann an teas a chatha tha daoine buailteach air a bhi a fiaradh no a seachnadh na firinn ma shaoileas iad gu ’n dean i cron no nach dean i feum dhaibh fein. Bidh e ro-dhàna leis a chuid mhor sin a dheanamh an làthair na muinntir a tha ’nan aghaidh, agus mar sin gheibh an luchd-éisdeachd deagh chothrom air breth a thoirt air na cùisean a tha iad a’ cur f’ an comhair. Cha ’n eil moran atharrachaidh air tigh’nn air an t-suidheachadh ann an Sina. Tha e gle choltach nach ruith moran ùine gus am bi na rioghachdan mora a ghabh os laimh cùisean a chur air dòigh comasach air aontachadh mu ciod is còir a dheanamh. Gu ruige so cha robh iad idir cho còrdte ’s a chuireadh iad feum air. Tha na Sineich cho carach, seòlta, agus cho fior sgileil air dealbh ’s air innse bhreug, ’s gu bheil e anabarrach duilich gnothuch a dheanamh riutha. Aig an àm so cha ghabh greim deanamh air an Impire, no air an t-seann bhan-Impire a bha riaghladh ’na ainm; tha mar sin an dùthaich gun luchd-riaghlaidh idir, agus cha ’n eil fhios aig ceannardan an airm Eòrpach co air a thoisicheas iad. Tha Li Hung Chang a’ gabhail air ùghdarras a bhi aige o’n Impire, ach co-dhiu tha sin mar sin no nach eil, ’s ann aige fhéin a mhàin a tha fhios. Chaidh a ghealltuinn o chionn ghoirid gu ’m biodh iadsan a bha ’nan ceannardan air an ar-am-mach anns ’n do chaill na h-uiread de na coigrich am beatha, air an cur gu bàs, ach latha no dha an deigh sin bha iad sin uile air teicheadh—dh’ fhaoidte gu robh mu ’n tugadh an gealladh seachad. ’S e ’n sgeul mu dheireadh a th’ air tighinn gu bheil a bhan-Impire a togail reiseamaid ann an Yang Tse gus a dhol an aghaidh nan coigreach; agus cha ’n eil teagamh sam bith nach robh an droch bhoirionnach sin a toirt misnich agus cuideachadh do na Boxers, on a thòisich iad ri ar-am-mach an toiseach. Tha pàrlamaid ùr Bhreatuinn a nis air a taghadh. Tha na conservatives air an cur an dreuchd a rithist, agus iad mu ’n aon neart ’sa bha iad roimhe; tha àite-suidhe no dha aca bharrachd air na bh’aca aig crioch na seann phàrlamaid. Rinn an cogadh ann an Africa mu Dheas, agus a bhuaidh a fhuair an t-arm Breatunnach feum mor do ’n riaghladh; a bharrachd air sin, tha na liberals moran na’s laige na bha iad fhad ’sa bha Gladstone beò. Cha d’ fhuair iad fhathast duine a lionadh àite. Na ceannardan a th’ orra o àm a bhàis-san, tha iad lag seach mar a bha esan, agus cha ’n eil iad idir cho aonaichte ’s a dh’ fheumadh iad a bhith a’ dol fa chomhair an t-sluagh a dh’ iarraidh ùghdarrais riaghlaidh. Cha ’n eil teagamh nach d’ rinn sin mar an ceudna cuideachadh mor leis an riaghladh. Tha Morair Salisbury ri bhi ’na phriomh mhinistear mar a bha e roimhe, agus bidh na h-oifigean eile air an lionadh, a reir gach coltais, leis na daoine bha ’gan lionadh ro nan còig bliadhna chaidh seachad. ’S fhiach MAC-TALLA dolar ’s a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhe’n phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:— Neach sam bith nach eil am fiachan do ’n phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1.50 air a chur thugainn aig a toiseach. Tha an cogadh ann an Sina an deigh pris na ti a thogail. Bidh so ’na dhroch naigheachd do mhoran sluaigh anns a h-uile cearna de’n t-saoghal. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 141] [Vol. 9. No. 18. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha duil aig Morair Roberts Africa mu Dheas fhàgail air a choigeamh latha deug de’n mhios so. Dh’ fhàg Seanalair Buller Capetown air an t-seachdain s’a chaidh. Air an t-seachdain s’a chaidh ann am Montreal ’nuair a bha gille d’ am b’ ainm Leblanc a lionadh lampa ’si laiste spreadh i agus chaidh an taigh ’na theine. Loisgeadh coignear chloinne gu bàs, a bharrachd air triùir eile bhi air an leònadh. Ann a Hamilton, Ontario, air an treas latha fichead de September, loisg duin’ òg de ’n ainm Pearson air nighinn a bha e ’n dùil a phòsadh, agus mharbh e i. Sheas e cùirt air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaireadh ciontach e, agus tha e ri bhi air a chrochadh air an t-seachdamh latha de Dhesember. An àite dithis a bhi ruith air son na h-àrd-phàrlamaid ann an siorrachd Richmond, mar a thuirt sinn anns an àireamh mu dheireadh, ’s ann a tha triùir a ruith. ’S e ’n treas duine H. N. Paint. Tha esan agus an treas duine ann an siorrachd Inbhirnis, Somhairle Mac Dhonuill, a ruith gun a bhi fo sgéith pàirtidh sam bith; mar a theirear ’sa Bheurla, tha iad gu bhi independent. Ann an àireamh na seachdain s’a tighinn, gheibhear a’ cheud chaibidil de ’n sgeul ùr, “O CHIONN TRI FICHEAD BLIADHNA,” le “IAIN.” Is i so sgeul cho math ’sa sgriobh “IAIN” riamh fhathast, agus an deigh sin a radh cha ruig sinn a leas an còrr molaidh a dheanamh oirre, oir, gun dimeas no tàire dheanamh air sgriobhadair sam bith eile, tha fhios againn gu ’m biodh “Iain” air a thaghadh á measg chàch uile le leughadairean MHIC-TALLA. Thachair gnothuch cianail ann am Point Aconi air an t-seachdain s’a chaidh. Chaochail bean Ioseph Stubbert Dior-daoin, agus an ath latha chaidh a dithis mhac gu Sidni Tuath a dh’ iarraidh ciste-luidhe. ’Nuair a thill iad cha robh sgeul air an athair, agus an deigh do na coimhearsnaich coimhead air a shon fhuaireadh e ann a pairce air a bheul fodha ann a lòn uisge, marbh. Thatar a deanamh a mach gu ’n d’ obraich bàs a mhnatha cho mor air inntinn ’s gu ’n do thuit e ann an laigse, ’se coiseachd tromh ’n phàirce. Far an robh e air a bhàthath cha robh ann ach mu thri oirlich de dh’ uisge. Thachair droch sgiorradh aig Leitche’s Creek, seachdain gu Di-màirt s’a chaidh leis an deachaidh Micheal Domhnullach, á Beechmont, a ghoirteachadh cho dona ’s gu ’n do chaochail e maduinn an treas latha. Bha e draibheadh dhachaidh á Sidni Tuath nuair a thuislich an carbad ’s bha esan air a thilgeadh as. Bhual a cheann air an làr agus chaidh e ann an neul. Chaidh a thoirt gu tigh Dhomhuill Ghordoin, far ’n do fhritheil an Dotair Mac Leoid dha, agus fhuaireadh gu robh slige chinn air a bhristeadh. Thainig e uige fhein, ach bha a leòn cho trom ’s nach robh e beo ach gu maduinn Dior-daoin. Leis cho gann ’sa tha ’n gual air an fhoghar so, tha aig moran de na bailtean beaga air feadh Newfoundland ri deanamh as aonais gu buileach, agus feumaidh iad tòiseachadh ri losgadh connaidh. Tha connadh gu leòr ri fhaotainn air an eilean, ach thig e gu math na ’s daoire dhaibh na ’n gual. Nuair a bha Tearlach C. Mac-an-Tòisich, a bha ’na fhear-cuideachaidh aig Maighstir Mac Glaisean am Bridgeport ’s an Reserve, a dol air ais do ’n cholaiste, chaidh sporan anns an robh ceud dolair a thoirt dha leis an t-sluagh mar theisteas air a mheas a bha iad a cur air a shaothair ’nam measg fad an t-samhraidh. Toiseach na seachdain s’a chaidh, thug fear Tomas Doyle, ann am Boston ionnsuidh air a bhean a mhort. Stob e sgian innte coig uairean, agus an dùil gu robh i marbh, chuir e crioch air fhéin. Cha robh a bhean air a leònadh ro dhona, agus cha ’n eil dùil nach teid i am feobhas. Bhuineadh Doyle do House Harbor, air an eilean so. Cha robh e ann am Boston ach ùine ghoirid, agus bha e ’g òl a chuid bu mhotha dhe ’n ùine sin. Anns an àireamh so tha an sgeul a bha ruith anns a MHAC-TALLA o thoiseach Iulaidh air a toirt gu crich, agus tha sinn a creidsinn gu ’n d’ fhuair a mhor chuid de ar leughadairean toileachadh agus fiosrachadh nach bu bheag ann a bhi leughadh mu ’n “BHASCAID BHEAG FHLURS.” Gheibhear aig a crioch ainm an fhir a thionndaidh an sgeula bòidheach so gu Gàilig. Tha sinn a deanamh so air iarrtus àireamh de leughadairean a phaipeir a ghabh tlachd de ’n sgeul, agus a bha feòrach co a rinn a h-eadar-theangachadh. Bha coinneamh aig muinntir a bhaile oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, air a gairm air son earann dhe ’n bhaile a chur air leth anns nach biodh e ceadaichte togalaichean fiodha chur suas, ach a mhain togalaichean cloiche no bric. Ach ’nuair a chaidh barail na coinneimh a ghabhail cha robh ann ach triùir a bha air son sin a dheanamh. Tha mar sin daoine air am fàgail aig saorsa ’n toile féin a thaobh ciod a chuireas iad nan taighean, fiodh no clach no bric. Ach bidh aig luchd nan taighean fiodha ri barrachd a phàigheadh air son an cumail air an urrasachadh. Bha coinneamh latha ’n ainmeachaidh air a cumail Di-ciaduin anns a Rosslyn Rink. Bha an da thaobh comhladh, ged a bha e air aithris ’sa mhaduinn gu robh iad gu bhi air leth. Liubhair triùir dhiubhsan a tha ruith òraidean, Eachunn F. Dùghlach, Alasdair Johnston, agus an Dotair Kendall, agus liubhair an Senator MacKeen òraid air son Sir Tearlach Tupper, a bha ann an Ontario. Fhuair luchd nan òraidean deagh éisdeachd, cho math ’s is àbhaist d’ an leithidean fhaotainn, agus bha a choinneamh gle shitheil. Chaidh a choinneamh a stigh mu dha uair, agus bha e faisg air sia uairean mu ’n do sgaoil i. Bha coinneamh aig na liberals dhaibh féin anns an ionad cheudna air an oidhche. Stor nan Sutharlanach an stor a’s fhearr an Sidni air son Caiseart agus Aodaich. Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7.20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7.20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein. DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw,” LEATHAR UILE, air $1.15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1.40. H. H. Sutherland & Co. An Stor Thormaid Dhomhnullaich. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILECEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 142] [Vol. 9. No. 18. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 139). roghnaich Dia nithe anmhunn an t-saoghail, chum gn ’n cuiridh E gu naire na nithe cumhachdach.” Tha sinn a’ cuimhneachadh, mar an ceudna, air na briathran ann am Mata xxi. 16.— “A beul naoidhean agus chiochran choimhlion thu moladh;” agus a rithist anns na facail “nuair a bha breitheamhan ’nan naoidheanan,” gheibhear co-shamhladh ann an Samuel agus Daniel mar naoidheanan a toirt breith air an dà eildear. Anns an t-sreath “thiormaicheadh cuantan mora” tha cunntas againn an Ecsodus xxii., air Cloinn Isreil a’ dol thar an fhairge ruadh; agus “nuair bha miorbhuillean air an aicheadh,” tha iomradh againn air Phàro a’ dìultadh creidsinn annta. Tha “tuiltean mora bho thobairean beaga” a’ cur ’n ar cuimhne mar thug Maois uisge as a’ charraig ann an Horeb. Righ Richard III.— “Na deuran a tha sruthadh bho d’ shùilean Thig a rìs air an cruth-atharrachadh gu neamhnuid luachmhor Airson an iasaid—a’ faotainn riadha de shonas— Deich uairean air a dhùblachadh.” Salm cxxvi. 5, 6.—“Iadsan a chuireas sìol le deuraibh, buainidh iad le gàirdeachas.” “Esan a theid a mach agus a’ ghuileas ag iomchar roghadh sìl, gu cinnteach thig e a rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.” Mata v. 4.—“’S beannaicht iadsan a tha ri bròn, oir gheibh iad sòlas.” Faic Ieremia xxxi. 9, Isaia xxv. 8. Righ Richard II.—“Eiric an t-saoghail-mac beannaichte Muire.” Righ Eanruig IV.—“Na machairean naomha sin thar an do ghluais na casan beannaichte a thairnicheadh ceithir cheud deug bliadhna roimhe so, airson ar buannachd air a’ chroich.” Litir Phoil do na Roimhich v. 8—“Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fein duinne, do bhrìgh an uair a bha sinn fathast ’n ar peacaich, gu ’n d’ fhuiling Criosd bàs air ar-son.” Righ Eanruig VIII.—“Tilg air falbh uabhar—leis a’ pheacadh sin thuit ainglean. Cia mar, uime sin, a bhios dùil aige an duine a chruthachadh an iomhaigh a chruithfhir, nì a chosnadh le uabhar?” “So staid an duine: an duigh tha e ’cur a mach duilleagan maoth an dòchais—am màireach, fo bhlàth, agus a’ giulan onoirean mòra: an treas là, thig reothadh—reothadh marbhtach—agus an uair a shaoileas e gu ’m bheil a mhórachd abuich, tha ’fhreumh air a gearradh, agus an sin tuitidh e.” Isaia ii. 17.—“Agus islichear uabhar an duine mhóir, agus leagar sios àrdan nan daoine suarach, agus bithidh an Tighearn ’na aonar air àrdachadh anns an là sin.” Gnath-fhocal xxi. 18-“Roimh sgrios theid uabhar, agus roimh leagadh, spiorad àrdanach.”—Life and Work. BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XVIII. ULLACHADH RO’ BHLAR NA H-EAGLAISE BRICE. Air do Thearlach agus da fheachd ochd latha chur seachad ann an Glasacho ga ’n cur féin ann an uidheam agus a’ leagail an sgìos, thriall iad air an treas latha de mhìos dheireannach a’ gheamhraidh ’nan dà chuideachd, chaidh aon chuideachd rathad Chill-Saoidh agus a’ chuideachd eile rathad Chumbernauld. Bha stiùradh an airm-dheirg ma ’n àm so, an earbsa ri Seanaileir Hawley, an dearbh dhuine aig an robh riaghladh lamh dheas an àirm dheirg latha Sliabh an t-Siorram, agus a thaobh gun chuir e’n ruaig an latha sin air na Gàeil le réiseamaid lionmhor thrùpairean, cha robh teagamh sam bith aige nach deanadh e’n cleas ciand’ air feachd a’ Phrionnsa cho luath sa’ rachadh e na dail, agus chluinnt’ e gu tric ri sgeig ’sa’ magagh air Sir Iain Cope agus air na bha coladh ris air Sliabh a Chlamhain. A chum na h-ùine chuir seachad gus an tigeadh a’ chuid eile dheth na Fineachan Gàelach as an Taobh-tuath, thug Tearlach ionnsaidh air Sruidhleadh a ghlacadh, agus air di-dòmhnaich an cuigeamh latha de ’n mhìos bha ’m baile air iadhadh mu ’n cuairt leis na Gàeil. Air madainn di-luain thog iad Bateri ma uidhe urchair gunna do ’n bhaile: air faicinn so do ’n ard-bhàili dh-aslaich e orra fantuinn air an ais gu deich uairean sa’ mhadainn a maireach, thug Tearlach an dàil sin dà, agus ma thrì uairean an deigh mheadhon latha leigeadh an t-arm gu léir a steach do’n bhaile gu ’n urachair a chuir a gunna, no claidheamh a thoirt a truaill. Air an ath mhadainn thàinig àireamh lionmhor dheth na Frisealach, agus ceithir cheud de Chlann-Chatainn a thog Baintighearna Mhic-an-Tòisich na Mòidhe gu Sriudhleadh, a chòmhnadh Thearlaich. Air a’ cheart latha a chaidh na Gàeil a steach do Shruidhleadh bha Seanaileir Hawley an deigh an t-arm-dearg fhaotainn ri chéile ann an Dunéideann, bha fheachd ma thuaiream ochd mìle fear agus bha tri cheud diù na ’m marc-shluadh. Air an treas latha diag dh’fhàg iad Dunéideann a chum tachairt ris na Gàeil, agus chàmpaich iad feasgar an t-sé-amh latha diag air an t-sliabh air taobh na h-airde n-iar-thuath de ’n Eaglais bhric. Moch air madainn an ath latha thàinig Iain-Caimbeul a Mhàim Mhòr le mìle fear dheth a’ chuid Caimbeulach fèin an ceann an airm-dhéirg. Air a’ mhadainn so cha do mheas Seanaileir Hawley iomchaidh a dhol an codhail nan Gàel; a thaobh gun Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 143] [Vol. 9. No. 18. p. 7] deach innse dha gun robh iad féin a dol a thoirt coinneamh dhasan; oir a cheart cho luath sa’ chuala Tearlach gun robh an t-arm-dearg air tighinn dlù do làimh chuir e roimhe gun rachadh e leth na slighe nan còdhail, agus chàmpaich na Gàeil an òidhche sin ma dha mhìle air an taobh sear do dh’ Allt a Bhonaich, agus ma sheachd mìle bho’n Eaglais Bhric. ’Nuair a bha an t-arm-dearg nan laidhe air raointean na h-Eaglaise Brice agus na Gàeil air sliabh Phlean bha solus an dà chàmp’ ann am fradharc a chéile. Bha gaisge nan Gael cho suarach ann am beachd Sheanaileir Hawley ’s nach robh ullachadh air son a chath’ a’ cuir air ach ro bheag cùraim; bha e’n duil gu ’n cuireadh an t-arm dearg fhaicinn mu’n coinneamh, ann an òrdugh catha, maoim air a nàimhdean. Air madainn latha bhlàir bha e ga fhaicinn fèin cho sàbhailt is gun deach e’ ghabhail a mhocharain maille ri bana-mhorair Chille-Màrnoc, do thaigh Chala-Sraid, ged a bha dearbh chinnt aige gum b’ann air taobh a phrionns ’a bha dùrachd na bainn-tighearna sin, a rinn na h-uile dhichioll air a dheanamh subhach agus a chunnard a chuir air chul, ni a chaidh aic’ air a dheanamh. Bha’ gheilbhinn uasal ud cho mhodhail na giùlan agus cho sgiamhach na maise, air chor is gu ’m bu mhòr bu mhi-chuisiche leis an t-seann Seanaileir liath féin “Briodal binn a beoil, seach tòirm searbh nan cath.” Thasa ’g ràdh gun dh’ fhan Hawley ann am fochar na baintighearna so n’a b’ fhaide na bu chòir do dh’ fhear a ’dreuchda ris an robh gnothach cho cudthromach an earbsa, agus a thaobh gun robh pailteas fiona ann an taigh Chaladair cha b’ ann falamh a dh’ fhalbh e. Bha ’n soirbheas a nis air tionndai bho’n aird an iar-dheas, agus ghluas na Gàeil gu uchdach a bh’ air taobh na gaoithe agus deas air càmpa Hawley. ’Nuair a chunnaic an t-arm-dearg gun robh na Gàeil gu léir air gluasad chuir iad fios a dh’ionnsaidh an t-seanalair a bha fathast gun taigh Chala-Sraid fhagail. Cho luath sa rainig an teachdaire leum an seanalair na dhìollaid, agus mharcaich e le cruinn-leum gus an d’ ràinig e’n àrmailt, ceann-ruiste, gun ad gun phiorbhuic coltach ri fior dhàimheach air ùr éiridh bho chlàr nam fleagh. Bha ’n latha a bh’ air tus na maidne ciùin agus soilleir a nis air fàs gruamach agus ro choltach ri seideadh doireinn. Bha Tearlach mu ’n àm sin a sior ghreasad a dhaoine gu ard Sliabh na h-eaglais a bha ma dha mhìle dh’ uidhe deas air càmp an airm-dheirg. ’Nuair a chunnaic Hawley gun robh na Gàeil an geall air cothrom na bruthaich a bhi aca féin, thòisich e air gabhail eagail gun eireadh dha dìreadh mar thachair do dh’ Iain Cope latha Sliabh a Chlamhain, agus dh’ iarr e air a’ chuid marcaichean, ionn- Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. “Cha ’n ion do dhuine a ghàire,” ars’ am fear a bha ’s an àrfhaich, ’s fitheach air e fhein a ribeadh ’n a chaolain, ’s e ri fàite-gàire ri lon an fhithich. “Ruchd, ruchd!” thuirt am fitheach, “’s e mo mhac an tighearna.” Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 144] [Vol. 9. No. 18. p. 8] saidh a thoirt air séilbh fhaotainn air an uchdaich mu ’n ruigeadh na Gàeil suas. Cho luath sa thug e’n t-òrdu’ chaidh na trùpairean nan teann-ruith. agus ruith na coisichean as an déighe. Bha na gunnaidhean mòra ga ’n giùlan le cairtearan a mhuintir na h-Eaglaise Brice, agus do bhrigh gur ann a dh’ aindeoin a thugadh na daoine so bho na bhaile, cha do dhearbh iad a bhi nan seirbheisich ro dhileas; chuir iad na h-eich a mach tro bhoglach càthair as nach b’urrainn na brùidean truagh’ an casan a thoirt, agus air dhaibh na gunnaidhean fhagail anns an fhéithe sin, ghearr iad iallan beairte nan each agus mharcaich iad dhachaigh cho luath sa’ dh’ fhaod iad. Mar bha ’n t-àrm-dearg a direadh na h-uchdaich, bha ’n t-sion ghailbheach gheamhraidh a brais dhortadh nan aghaidh, a cuir maill’ air an leirsinn a’s air an imeachd agus mu ’n deach iad na b’ fhaid’ air an adhart chunnaic iad an t-àrm Gàelach (a ghabh rathad moran n’a b’ aithghearra) gu h-ard air bràidhe na h-uchdaich. Bha trì reiseamaiden Chlann-Dòmhnuill (a bhri seana chòir shioll Chuinn) gu bhi air an latha so air deas lamh an àirm, ach anns an réis ruithe a bh’ eadar na Gàeil gu léir ’s na trùpairean dearga, le strì co aca e bhuannaicheadh an uchdach, b’e Clann-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig bu luaithe rainig am am mulach, agus dh’ fhagadh san ionad sin iad rè an latha, agus chaidh a’ chuid eile dheth na Finneachan an òrdugh catha anns an t-suidheachadh so; bho dheas gu tuath:—Clann-Ghriogair,—Dòmhnullaich na Ceapaich,—Clann-Raonail, Dòmhnullaich Ghlinne Garaidh—Stiùbhartach na h-Apunn,—Na Camshronaich,—Na Frisealaich, —Na h-Abhallaich,—Clann-Ogilbhi,—Clann-Fhearchair,—Feachd Iarla Chrompa,—Na Fràngaich. Sheas am Prionnsa féin air fàireadh ag amharc gluasadan dà armailt agus prasgan beag mar gheard air. Sheas an t-àrm-dearg ma choinneamh nan Gàel, anns an òrdugh so bho thuath gu deas:—Wolfe,—Cholmondley,—An fheachd rìoghail Albannach,—Price,—Ligomeir,—Blancney, Fear-Chul-chàrn,—Fleming,—Barrell—,Battereau,—Réiseamaid Ghlasacho—Howard,—Iain Caimbeul a Mhàim-Mhòir. Ann an àireamh, bha na Gàeil ’s an t-arm dearg mu’n aon lionmhorachd, 8000 fear air gach taobh, agus a thaobh nach robh gunnaidhean mòra, a dh’ aon chuid aig an arm Ghàelach no Ghallda, ’s doigh leam gun robh “cothrom na Féine” eadar na Gaill a’s luchd nam breacan. (Ri leantuinn.) Am fear a theid am mach air na h-uaislean is duine truagh a measg chàich e. An duine a’s miosa càramh, an duine gun chinneadh taobh athar no mhàthar. An Fhirinn Uile, agus gun Ni ach an Fhirinn. Ann an cuis eadar maighstir agus fear-muinntir, chaidh an gille mhionnachadh mar fhianuis, is dh’ fhoighneachd am fear-tagraidh dheth cia mar a bha ’n seanchus eadar e fhéin ’s a mhaighstir. “Thubhairt e rium, an cead dhuibh fhein,” ars’ an gille, “gu ’m bu mhi an slaightear salach, ’s gu ’n robh mi ’goid na dibhe.” “’S eadh, agus dé thubhairt thusa?” “Thubhairt mi ris, an cead dhuibh fhein, gu robh e cho breugach ris a’ chu.” Ars’ am breitheamh gu cudthromach, “Bha do chainnt gle neo-iomchuidh, fhir òig.” “Cha ’n ’eil comas agams’ air sin,” ars’ an gille. “Thainig mi ’n so a dh’ innseadh na firinne, ’s tha i agaibh a nis!” Cumha Cheap Breatunn. LE ALASDAIR AN RIDSE. Air dhomh a bhi air latha soilleir samhraidh a dol do Cheap George agus a bhi coimhead air Ceap Breatunn rinn mi an duanag so:— Fonn:— “Thug mi gaol do ’n fhear bhàn.” Chi mi bhuam, fada bhuam, Chi mi bhuam ri muir làin; Chi mi Ceap Breutunn mo luaidh Fada bhuam thar an t-sàil. Chi mi Creiginis nan craobh, Le cuid aonaichean àrd; ’S an Rugh’ Fada tha ri ’taobh Gheibhte maoin ann us bàrr. Bha na Glaisrich ann gun éis, Bheireadh feum as an fhal; Bha iad modhail, bha iad gleusd’, Bha iad spéiseil nan gnàths. Chi mi Siudaig nam fear cruaidh, Chi mi Bruaich nam fear àrd, Bha Clann Sheumais ann ri uair— Laoich a bhuanaicheadh blàr. Bha iad fearail, bha iad treun. ’S iad gun eucoir nan càil; Ach ’nuair chasadh iad gu streup ’S iad nach géilleadh do nàmh. Chi mi Sestico nan tùr, ’S am bheil bùthan ’us stràid; Chi mi Mabou air a cùl— B’ i sid dùthaich mo ghràidh. ’S e na thug mi dhi de m’ rùn Rinn mo dhùsgadh gu dàn, ’S gu bheil m’ fharmad ris gach gnuis Tha mu bru’ichibh a tàmh. Gu bheil togradh ann am inntinn Bhi leibh mar a bha, Ged tha fios again ’us cinnt Ribh nach till mi gu bràth. Chi mi cladach Mèinn a Ghuail, ’S am bidh buar agus gràn; ’S Rugha ’n t-Seallaidh fad mu thuath, Creagach, fuar agus àrd. Tha mi ’ruith gu ceann mo réis, ’S mi fo éislein gach là; Sguiridh mi ’s cha ’n ’eil mi réith, ’S cha ’n ’eil feum ann am dhàn. Nis bho ’n tha mi air bheag stàth, Leam a b’ àil, nuair nach beò, Mi bhi comhla ri m’ chàirdean, Am Mabou fo ’n fhòid. Is e an geamhradh luath, an geamhradh buan. Mar is luaithe a’ ghaillionn, is ann a’s cruaidhe a’ ghaillionn. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Clocaichean. A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha. Clocaichean Dusgaidh o $1.00 suas. Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas. Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas. Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas. Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn. BEZANSON, An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 145] [Vol. 9. No. 19. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE NOBHEMBER 9, 1900. No. 19. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. LE IAIN. CAIB. I. NA MNATHAN A’ COMHRADH. “SEALL am mach, a Cheiteag, feuch am faic thu bean Dhomhuill Bhàin a’ tighinn. A’ bhean bhochd, is ainneamh leatha ceum a thoirt o ’n taigh, agus is ro ainneamh a thig i an rathad so. Tha i anns a’ bhruthaig bhochd thaighe ud mar gu ’m biodh cearc fo bheul cléibh. Is beag a fhuair i de thoileachadh an t-saoghail so o ’n latha ’phòs i Domhull. Cò ach esan an uair a bha e ’n a fhleasgach òg! Cha robh spalpaire eile eadar gob an Rudha Mhòir agus Ceann-tràghad cho spaideil ’s cho mòr as fhéin ris an uair a phòs Màiri e. Ach spaideil, bragail, mòr as fhéin ’s mar a bha e, tha ’chùis coltach nach robh ann ach am baoghaire mòr, bog, gun fheum, gun tùr, gun toinnisg. Is ann agam a tha ’n truas ris an té a tha ’n ceangal ris. Cha ’n ’eil a bhith beò aice leis. Tha e cho leasg ri duine a sheas riamh ann am bròig leathar. Mur b’ e cho dìchiollach ’s a bha i fhein gus an taigh a chumail suas, is fhad’ o nach robh cabar as an cionn. Ach cha bu chàs e bhith leasg, ach tha e cho cruaidh ’s cho spiocach ’s nach dùirig e dhi an cupan tì. Mur gabh i fàth air cupan a ghabhail an uair a thachras dhasan a bhi muigh aig car obrach, cha teid deur a steach air port a beòil eadar dà cheann na bliadhna ach na gheibh i uamsa, no o mo leithid eile.” “Dunaigh air na fir a th’ ann, a Chatriona. Cha chreid mi nach ’eil a h-uile mac màthar dhiubh air a thearradh leis an aon pheallan. Nach beag a shaoileadh tu fhein an uair a bha Lachlainn a’ bristeadh a chnàmhan as do dheigh, gu ’m biodh e cho cruaidh ort ’s a tha e? Ach is iomadh fear a’s miosa na e, ged a tha e cruaidh gu leòr ortsa. A dh’ aon rud, cha ’n ’eil an leisge ann, agus cha mhò a bhios e ’gearain air cho beag ’s a ni thusa dh’ obair an uair a thig e dhachaidh feasgar. Na gabh gu h-olc mise ’g a ràdh so riut. Dh’ innis thu fhein dhomhsa gu ’m bheil so mar so. Agus tha fhios aig an dùthaich air. Ach an deigh a h-uile rud, tha mi ’creidsinn gur e ceann mnà a’s fhearr gu mòr na ’n duine agam fhein, agus Domhull Bàn. Cha chùm mi so an cleith ortsa. Is mi nach cùm. Cha’n ann a chionn mi ’ga ràdh riut fhein, cha’n ’eil té eile ’s an dùthaich do ’n innsinn mo chor, gu saor soilleir, ach thu fhein. Nach bochd an gnothuch dhomh fhein gu ’m feum mi, ma ’s math leam greim de bhiadh ceart, sùghar a ghabhail, tighinn far am bheil thu fhein. Cha ’n fhuiling Seumas poit tì fhaicinn. Cheannaich mi poit tì ann am bùth Dhomhuill Bhig o chionn mhios, gun fhios nach fhaodadh cudeiginn tighinn thun an taighe a bhiodh feumach air cupan tì. Chuir mi air an dreseir i, agus mi gun dùil sam bith agam gu ’n cuireadh i dragh airsan ged a chitheadh e i. Ach an uair a thàinig e dhachaidh ’s a thug e an aire dhi air an dreseir, ghabh e null thun an dreseir gu bog, balbh, agus thog e leis i, agus rinn e spealagan dhi ris an ursainn. Cha duirt mi gu ’m b’ olc ris. Bha mi anns an àm a’ falbh a bhuain cliabh feòir do ’n chrodh. Ciod a th’ agam air ach gu ’n do chaoin mi na lìonadh a’ phoit tì mu ’n do thill mi dhachaidh. A bharrachd air sin, ghearr mi mo làmh gu dona. Leis mar a bha na deòir a’ ruith cho bras o mo shùilean, cha bu leur dhomh ach gann mo lamhan seach an corran.” “Tha thu air chùl do sgeòil, a Mhòr. Tha Lachlainn a’ cheart cho cruaidh ormsa ’s a tha Seumas ortsa. Is glé thoigh leis a’ phoit tì fhaicinn an oir an teine an uair a thig e dhachaidh, o ’n a bhios dùil aige fhein ri ’chuid fhaotainn dhe na bhios innte. Ach nan saoileadh e gu ’n òlainnsa cupa gun fhios dha, ghabhadh e seachd leumannan dhe’n chaoch. Ged a shaoileas tusa gu ’m bheil e còir, fialaidh, an uair a thig thu thun an taighe, is e th’ ann duine cho spiocach ’s a gheibhteadh eadar dà cheann na dùthchadh. Tha dùil aige gur còir do dh’ unnsa tì mairsinn ùine fhada. Ach ciod a th’ ann an unnsa bochd tì? Cha ’n fhada mhaireas e gu dearbh. A nis, ged a tha mise ’g a innseadh so dhutsa, cha ’n ’eil math dhut guth no iomradh a thoirt ri duine beò gu ’n dubhairt mise aon fhacal riut mu dheidhinn Lachlainn. Air na chunnaic tu riamh na do bheatha, cuimhnich nach innis thu diog dhe ’n chòmhradh a bh’ eadrainn do bhean Dhomhuill Bhàin. Ged is toigh leamsa i, an truaghan, tha fàilling bhochd innte: cha cheil i aon fhacal a chluinneas i. Am bheil fhios agad ciod a thuirt i riumsa? ‘A nis, a Chatriona,’ ars’ ise, ‘rud sam bith a’s math leat a chumail an cleth, na innis dhomhsa idir e.’ Tha truas gu leòr agamsa ri té sam bith nach urrainn dìomhaireachd a chleith.” “Creididh mi dhe sin, a Chatriona, na thogras mi fhein. Is math is aithne dhi diomhaireachd a chumail an cleith an uair a thogras i fhein. Feuch thusa an innis i dad oirre fhein. Mar a tha am facal ag radh, ‘Is fhada bhios duine o ’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.’ An d’ innis i dhut gu ’m bheil i fhein ’s bean a’ mhaoir gu math tric ann an cuideachd a chéile? Dh’ innis urra glé chinnteach dhomhsa gu ’m bheil bean a’ mhaoir glé mheasail oirre aig an àm so.” “Cha chuala mi guth no iomradh air a leithid gus a so. Feumaidh sinn an aire mhath a thabhairt ciod a their ’s a ni sinn. Is beag orm fhein bean a’ mhaoir. Mur do mheall mo bharail mi, is i aon bhoirionnach cho dùbailte ’s a thachair riamh rium.” “Air a shon sin dheth. Ach gabh thusa beachd oirre a’ cheud uair a thachras i riut. Tha i cho milis ’s cho mìn ’s cho beulach ’s gu ’n saoileadh tu gur i an aon té cho neo-chiontach ’s cho neo-lochdach ’s a tha beò. Air Di-domhnaich, an uair a thachras i riut air an rathad eadar so ’s an eaglais, saoilidh tu nach ’eil naomh air thalamh ach i. Air latha seachdain, an uair a thachras i riut, mur bi thu ’n ad fhior-fhaireachadh, bheir i ort gu ’n innis thu dhi, gun fhios dhut fhein, iomadh ni air nach biodh toil agad iomradh a thabhairt.” “Cha ’n ’eil mi idir a’ tuigsinn, a Mhòr, c’ ar son a tha bean a’ mhaoir cho measail air bean Dhòmhuill Bhàin. Tha bean a’ mhaoir na boirionnach a tha glé mhòr aisde fhein. Cha ’n ann ris a h-uile té a tha i deònach comunn a chumail.” “Is ann air a shon fhein a ni an cat crònan, a Chatrìona. Cha dean bean a’ mhaoir comunn ri té sam bith ach ri té ’dh’ innseas naigheachdan dhi.” Anns an t-seanachas thàinig Ceiteag a steach, agus thuirt a màthair rithe, “Am faca tu bean Dhomhuill Bhàin a’ tighinn?” “Chunnaic. Shuidh mise air bearradh a’ bhruthaich mhòir gus am faca mi i a’ tighinn am mach as an taigh. Tha i fhein ’s bean a’ mhaoir ’n an seasamh aig an t-sruthan. Tha iad a’ sior bhruidhinn. Cha d’ thug iad an aire gu ’n robh mise cho dlùth dhaibh ’s a bha mi. Bha iad a’ bruidhinn air feadhainn air choireiginn a tha ’dol a phòsadh.” “Na toir thusa guth air aon fhacal a chluinneas tu mar sin, a Cheiteag. Cha ’n ’eil e ceart dhutsa no do neach air bith eile ’bhith farchluais air chùl chnoc. Ma gheibh mise am mach gu ’m bi thusa ’farchluais, theid mi an urras nach bi e an nasgaidh dhut.” “Cha robh mise a’ farchluais idir, a mhàthair. Bha mi ’n am shuidhe air fìor mhullach a’ bhruthaich far am faodadh duine sam bith a’ fhaicinn.” “Foghnaidh sid an dràsta. Cuir air a’ phoit bheag. Cuir tonn mhath uisge innte, air dhòigh ’s gu ’m bi gu leòr ann gus na h-uighean a bhruich a bharrachd air na ni an tì. Feuch gu ’n nigh thu gu math i. Is e iasg a bh’ innte mu dheireadh. Cha bu mhath leam gu ’m biodh blas an éisg air an tì. Mur bi an tì aig a blas fhein, a Mhòr, cha ’n fhiach i a h-òl. Feumaidh mi sìlean a bharrachd a chur anns a’ phoit; oir tha bean Dhomhuill Bhàin glé choma dhe ’n tì mur bi i gu math làidir. Cha toigh leamsa tì làidir idir. Is math leam i bhith blasda, agus air a tarruinn gu caoin. Tha iad ag radh nach ’eil e math do ’n tì a bhith fad ann an tarruinn.” “Cho math ’s gu ’n dean thusa no mise tì, cha bhi mòran tlachd oirre mur cuirear deur beag de dheadh bharr bainne innte.” “Gu dearbh tha làn àm agad tighinn, a bhean Dhomhuill Bhàin. Is fhada o ’n a bha dùil againn riut. Tha eagal ormsa gu’n tig cuideiginn thun an taighe mu ’m faigh sinn crioch a chur air an tì.” “Cha b’ urrainn domhsa tighinn na bu tràithe. Thaghail bean a’ mhaoir orm anns an dol seachad, agus bha leithid aice ri ràdh ’s gu ’n do theab nach fhaighinn as a seanachas idir. Ach, am boirionnach còir, thug i dhomh placaid luma làn de dheadh uisge-beatha. Thuirt i gu ’n cuala i nach robh mi ’faighinn mo shlàinte cho math ’s a b’ àbhaist dhomh, agus gu ’n do smaoinich i deur beag a thoirt do m’ ionnsuidh a ghabhainn an dràsta ’s a rithist, an uair a bhithinn a’ faireachadh mo chridhe fann. Ach a dh’ innseadh na fìrinn, cha bhiodh math dhomhsa a ghabhail ’na mo thaigh fhein. Nam fairicheadh Domhull fàileadh an uisge-bheatha [TD 146] [Vol. 9. No. 19. p. 2] dhiom aon uair, cha chuireadh an saoghal as a cheann nach mi fhein a cheannaich e. Cha chluinninn a dheireadh gu latha mo bhàis; agus smaoinich mi gu ’m bu cho math dhomh a thoirt leam. Cuir as do làimh an àite eiginn e, a Chatrìona, gus am bi sinn a’ suidhe aig a’ bhiadh. Sin agad criomag bheag de dh’ ìm ùr a thug mi leam. Rinn mi maistreadh an diugh fhein anns a’ chrannachan bheag; agus air eagal nach do thachair ìm ùr a bhith agad fhein, thug mi leam e.” “Is math a rinn thu gu dearbh. Is fìor thoigh leam fhein ìm ùr. Ach o ’n a tha càch coma dheth, is ainneamh leam, an uair a ni mi maistreadh, gun salann a chur anns an ìm gu leir.” (Ri leantuinn.) Uair ’sa Bhliadhna. O BHEURLA REGINALD GOURLAY. (Air a leantuinn). “Thachair duine neònach rium shios taobh na h-aibhne, a Fhrancis,” thuirt mi ris. “’S i mo mhor bharail gu robh o as a rian—thuirt e rium gu robh aige ri cuid-eigin a choinneachadh anns a choille; bha a sheanachas gle neònach, agus bha a choltas na bu neònaiche na sheanachas. Cha ’n eil e ceart a bhi ’ga fhàgail leis fhéin anns a choille. Thig còmhla riumsa, agus leanaidh sinn e, agus feuchaidh sinn ri thoirt air ais an so. Thuirt e rium gu ’m b’ ainm dha Pierre La Rose.” Leum Francis gu grad air a chois, agus leis a bhoil anns an robh e, rinn e greim air dha laimh orm. “Ah, ’mhaighstir,” ars’ esan, ’s e gagadaich ’s a dol air chrith leis an eagal, “dh’ amais sibh air—am fear mallaichte! O! car son a champaich sinn idir ’san àite chiontach so? Eisdibh rium, a mhaighstir [?] ’g isleachadh a ghutha mar gu ’m biodh eagal [?] gu robh luchd-éisdeachd do-fhaicsinneach timchioll air. “Is e mortair a tha ann am Pierre La Rose! Agus rud is miosa na sin, cheadaich an Dia math e bhi aig an àm so dhe ’n bhliadhna—an t-àm ’s an d’ rinn e an gniomh—fo chumhachd droch anama ’n fhir a mhort e, no droch spiorad eigin eile. Tha e, a reir a sheanchais fhéin, ‘air a tharruinn gu choinneachadh ’s an àite ’s an do mharbh e e.’ Bitheamaid a falbh, a mhaighstir, air a mhionaid so fhéin, mu ’n tachair Pierre La Rose oirnn a rithist—agus am fear ud eile!” “Bi sàmhach, a dhuine!” arsa mise, a faicinn gu robh e air bhoil leis an eagal, “cha dean a leithid so de dh’ fhaoineis an gnothuch idir. Mortair ann no as, tha an duine as a rian, agus bu chòir a thoirt air ais, a dheòin no dh’ aindeoin, gu St. Rèmi. C’ àite ’m bheil e dol? Ciod am mort a rinn e? agus cuin a rinn e e?” “Tha e dol,” arsa Francis, beagan na bu chiùine, ach a bruidhinn gu h-iseal ’s e air chrith mar a bha e roimhe, “gu àite nach eil ach gann cairteal a mhile á so. O, b’ fhearr leam nach robh e cho faisg oirnn! Aite fàsail, fiadhaich, am measg chreagan mora, far an d’ rinneadh an gniomh. Ann an sin tha e coinneachadh an droch ni ud. Agus am mort, a mhaighstir, bha e mar so. Ach na dh’ innseas mi dhuibh, an aontaich sibh an t-àite so fhàgail, agus sin gun dàil?” “Chi mi,” arsa mise. “Gle mhath, ma ta, a mhaighstir. Air an oidhche so dhe ’n mhios Màigh, o chionn tri bliadhna, bha Pierre La Rose so agus a chompanach Iain Thibeault, a dol troimh ’n àite air an robh mi bruidhinn, air an turus dhachaidh gu St. Rèmi bhar cuairt air an robh iad anns na coilltean ag iasgach ’sa sealgaireachd. “Bha Pierre de ghnè uasal, suairce, na ghille math air an robh mor mheas aig na h-uile; ach bha Iain Thibeault na dhuine dùr, brùideil, aig an robh teanga shalach. Bu choigreach e anns a chearna so, ach bha e air droch ainm a chosnadh cheana. Bha droch fhuil eadar na daoine air son Eosephin Dupont, ris an robh còrdadh pòsaidh aig Pierre, ach a bha Iain a feuchainn ri thoirt uaithe, mar bu mhath a bha fhios aig Pierre, oir cha robh Iain a deanamh cleth sam bith air. Agus bha Iain, a bhrùid ’s an dubh-shlaoightire mar a bh’ ann, ’na dhuine ro bhriagha, agus ’nuair a thogradh e fhéin, rachadh aig air nithean bòidheach, milis a chur an cluais maighdinn ghòraich sam bith a dh’ éisdeadh ris. Tha e coltach gu ’n deach iad bhar a chéile mu deibhinn air an turus. Agus an deigh sin bha iad a’ dol troimh ’n àit ud. Thuit Pierre le creig agus bhrist e a chas eadar an t-aobrunn ’sa ghlùn. Dh’ éibh e ri Iain, a bha air toiseach. Thionndaidh Iain, agus chunnaic e an suidheachadh ’s an robh e, agus lean e air adhart. Agus air dha bhi ’ga fhàgail, sheall e thar a ghuaille, ’s ars’ esan, “Laidh an sin, a liobastair luidich! gus am faighear thu. Theid mise thoirt sòlais do Eosephin.” Cha ’n eil fhios agam cia dhiubh a bha e da-rireadh no nach robh robh; ach chuir na briathran an-iochdmhor sin fuil an Fhrangaich air ghoil an cuislean Phierre. Thog e ’n gunna bha ri thaobh, agus ann an tiotadh bha Iain air a bheul fodha air an làr ’s peilear air a chur troimhe eadar an da shlinnean. Fhuair cuideachd a bha dol suas an abhainn beagan lathaichean an deigh sin, corp breun Iain agus Pierre faisg air, ’s e air a dhol glan as a cheill. ’Nuair a chaidh Pierre na b’ fhearr, dh’ innis e mar a thachair do ’n t-sagart—an t-Athair La Londe—duine math agus glic; agus ’nuair a thainig a pheanas air fhuair muinntir eile fios air.” “Ach car son, an ainm an Fhreasdail,” arsa mise ’s mo nàdar laghail ag eiridh orm, “nach robh an duine air a thoirt gu ceartas? Cha ’n eil mi creidsinn gu faighte ciontach de mhort e idir; bheirinn féin mo bhòid gur e jury gle ainneamh a rachadh ga dhiteadh gu bàs, ged a tha e doirbh a dhol roimhe ciod a dh’ fhaodas jury a dheanamh air an latha ’n diugh, agus gu h-àraidh ann an Canada.” “Innsidh mise dhuibh car son, a mhaighstir; bha an t-àite fad air falbh o lagh ’s o cheartas. Bha pàrantan La Rose urramach agus measail; bha moran de chàirdean us de luchd-eòlais aige, agus cha robh toil sam bith againn aon de ar nàbuidhean a bhi air a chur gu bàs maslach. Agus air son Thibeault, bha gràin an uilc againn uil’ air. Agus a bharrachd air sin, ’nuair a bha Pierre air son e fhéin a thoirt suas, thuirt an t-Athair La Londe ris gun e ’ga dheanamh, ’nuair a bha toil aige e-fhéin a chur an lamhan an lagha gus faotainn as o’n ni uamhasach a bha ’ga ghairm do ’n choille ’nuair a thigeadh co-ainm an latha chiontaich mu ’n cuairt. Cha robh fhios againn car son a thug e chomhairle sin air. Ach bha an sagart na b’ fhiosraiche na bha sinne, agus bha sinn a creidsinn gu robh e deanamh gu ceart. Agus chaidh a’ mhaighdeann bhòidneach, Eosephin Dupont, do thigh nam banmhanach ann an Cuebec. “Dh’ fhuirich Pierre ’nar measg, ’na dhuine breòite, glas-neulach, le cridhe briste. Bha e daonnan a’ deanamh math; chuidich e leis gach duine ’bha cur feum air cuideachadh; agus bha e ’cur roinn mhath dhe ùine seachad còmhla ris an t-sagart. Ach ’nuair a bhiodh an latha air ’n do mharbh e Thibeault a tigh’nn dlùth, thigeadh oillt neonach agus uamhas an-fhoiseil thairis air. Theireadh e gu robh Thibeault ’ga ghairm do ’n choille far an d’ fhuaireadh iad; agus bha ni-eigin cho uamhasach agus cho oillteil na dhreach ’s na ghiùlan aig na h-amannan sin ’s gu ’m biodh eagal air daoine bruidhinn ris. A’ cheud uair, thug an sagart leis e do ’n eaglais air feasgar an darna latha deug dhe ’n Mhàigh, ’s e an rùn an oidhche chur seachad còmhla ris ann an ùrnaigh; ach ’nuair a thainig dithis sheann daoine a bha air an cuireadh gu dhol an ceann na h-ùrnaigh comhla riutha, bha Pierre air falbh, agus fhuair iad an sagart air a bheul-fodha mu choinneamh na h-altarach, ann an laigse. Thuirt muinntir a pharaist’ uile an sin gu feumadh gun do cheadaich Dia ’na mhathas cumhachd a bhi aig an droch spiorad re tamuill, air neo nach b’ urrainn dha Pierre a thoirt air falbh o’n altair. Ach cha d’ thug an sagart gu ruige ’n uair so iomradh air na chunnaic e. An ath uair a thainig an latha, lean dithis shealgairean Pierre do ’n choille, ach thainig iad dhachaidh ’na leithid de dh’ eagal ’s gu ’n do dh’ fhàg iad am paraiste, ’s chaidh iad a dh’ fhuireach do chearn eile dhe ’n dùthaich. Bha iad ag innse gu ’n cual iad Pierre a còmhradh ri anam caillte Iain Thibeault mu nithean ain diadhaidh, uamhasach air nach tigeadh iadsan thairis. “Agus tha e mar sin, a mhaighstir, na h-uile bliadhna. ’Nuair a thig Pierre dhachaidh o aon de na coinneamhan sin, bidh e as a rian buileach glan, agus e ’g éigheach ri Dia trocair a dheanamh air, gus an tuit e seachad ann an neul—neul as an dùisg e ’sa thùr fhéin aige, ach moran na ’s breòite ’s na ’s dlùithe do ’n bhàs na bha e roimhe. Sin agaibh an sgeul. Agus a nise, ’mhaighstir, le ’r cead, bitheamaid a’ fàgail an àite. An ainm Dhé bitheamaid cuibhteas e!” “Eisd rium, a Fhrancis,” arsa mise ris, ’s mo mhisneach ann an tomhas air tilleadh rium; “cha’n eil air an duine bhochd so ach gu bheil e bhar a dhòigh, agus bu chòir a thoirt air ais mu ’m bi e air a mharbhadh le fuachd us anastachd nan coilltean, mar a bhitheas e an ùine ghoirid mur a gabhar aige. Agus ’se sin a tha mise ’dol a dheanamh. Tog ort, a sheòid; biodh misneach agad. Tha thu na d’ fhior dhuine treun. Chunnaic mis’ thu le m’ dha shùil fhéin a’ dol an coinneamh tairbh moose gun uiread ’sa phiob a thoirt as do bheul. Tiugainn comhla riumsa, ’s bidh Pierre La Rose againn an so ’sa champa mu ’n ruith leth-uair a thìm.” “Mise dhol ’ga iarraidh, a mhaighstir! cha rachadh air son na tha de dh’ fhearann ann an Cuebec; ged a gheobhainn na tha dh’ òr ’s a dh’ airgead an taighean-ionmhais na dùthcha cha rachainn ceum na b’ fhaisge na so air an àite ’s am bheil La Rose a cumail coinneamh ris an droch ni ud!” “Dean fuireach far am bheil thu, ma ta, a ghealtair bhuig,” arsa mise, ’sa bhaoth-chreideamh us eagal an deigh an fhearg a chur orm, “agus cum do cheann fo ’n phlaide fhad ’sa bhios mis’ air falbh ’ga iarraidh.” Dh’ fheuch an duine bochd ri mo chumail air m’ ais, ach thilg mi a thaobh e, agus chuir mi m’ aghaidh air an àite ’shònruich e; bha m’ inntinn car troimhe-chéile, ach bha mi làn shuidhichte air an ni a bha mi dol a dheanamh, agus cho saor o eagal ’sa tha thusa air a mhionaid so. Cha robh mi fada ruigheachd an àite. Cha robh dòigh air a sheachnadh. Aite fàsail, fosgailte, lan de chreagan mora, gun chraobh no ni gorm sam bith a fàs ann, ach corra sheann stoc giuthais an sid ’s an so nan seasamh eadar mi ’s an t-adhar. “Cha mhor nach fhaodar a radh,” arsa Victor Hugo, “gu bheil àiteachan ann a tha annta féin [TD 147] [Vol. 9. No. 19. p. 3] olc, aingidh.” Ma bha àite ann riamh mu ’n robh sin fior b’e an t-àite so aon dhiubh. Agus na chrùban air creig mhóir leathainn na theis-meadhon, bha an duine truagh a thainig mi dh’ iarraidh. Bha e bruidhinn, àird a chinn, an dràsda ’sa rithist, le guth aogaidh, neo-thalmhaidh. Chluinninn na h-uile facal a bha e ’g ràdh; agus bha cainnt an duine, agus an t-uamhas ’s an eu-dochas a bha, air leam, ’ga chuartachadh, ’ga m’ lionadh le crith eagail nach d’ fhairich mi a leithid riamh, roimhe no na dheigh. Breislich, sgriachail, griosad agus mallachadh—gach ni leis an gnàth caothach us dith céille bhi air an nochdadh—bha mi ullaichte air an son, ach bha caothach an duine so, ma ’s caothach a bh’ ann, na bu neònaiche ’s na b’ uamhasaiche na ni a chunnaic no chuala mise riamh. Bha e mar gu ’m biodh e a’ còmhradh ri neach eigin nach robh mise ’faicinn—bith uamhasach, gràinichte, a bha e le uile neart a cur an aghaidh. Chluinninn e gu tric ag radh, “Cha bhi an cumhachd so agad thairis orm an còmhnuidh. Ni Dia mo thearnadh air a cheann mu dheireadh.” An sin bha e ùine ghoirid ’na thosd. “Ni mi ainmeachadh.” Stad e rithist, agus an sin le guth anns an robh oillt agus uamhas, “‘Dia a mhallachadh agus a bhi aig fois o m’ dhoruinnean!’ Cha dean mi sin gu bràth. Ged a mharbhadh e mi, cha ’n àicheidh mi e!” Agus an sin, an deigh a bhi na thosd ùine na b’ fhaide na bha e roimhe, “Ach anns na h-ionadan sin—ionadan uamhasach nan anaman caillte—tha Dia an sin mar an ceudna. Agus is Esan is cumhachdaiche na thusa.” Agus an sin (an robh mi fhéin a call mo chéille?) air leam gu ’n cuala mi guth cruaidh, biorach, a’ tigh’nn mar shanas á duilleach nan craobh, “Ach tha cumhachd aig bith eile anns na h-ionadan sin, spiorad aig am bheil eagal agus fuath do ’n Dia agadsa; tha cumhachd aig an spiorad sin anns na h-ionadan sin, agus anns an ionad so.” Agus an cois nam briathran sin thainig orm geur-mhothachadh air bith naimhdeil, sgriosail a bhi dlùthachadh orm, agus air cunnart mor a bhi ’ga m’ chuartachadh; thainig na faireachduinean sin orm mar thuil bhàiteach, agus threig mo lùth ’s mo mhisneach mi air ball. Theich mi mar ghealtair—cha robh ni air m’ inntinn ach faotainn air falbh as an àite. Rainig mi an campa. Cha d’ thug Francis ach aon sùil orm ’nuair a thuig e mar a bha. Thug sinn leinn ar gunnaichean, ruith sinn gu bruaich na h-aimhne, leum sinn dh’ an chanù, agus dh’ iomair sinn air falbh cho luath ’sa bh’ againn. Bu bheag oirnn cunnartan na h-aimhne, ged a bha againn ri dhol troimh thanalaichean ’s am measg chreagan an dubh dhorchadas na h-oidhche. Bu bheag oirnn sin uile seach na bha sinn a’ fàgail ’nar deigh an àit an uamhais ud. Sgriob sinn air adhart air doigh-eigin, cha ’n eil cuimhn’ agam gu ro-mhath ciamar, agus rainig sinn baile beag St. Rèmi mu ’n do shoilleirich an latha. Cho luath ’sa bha e iomchuidh a dhol ’ga fhaicinn, chaidh mi far an robh an t-Athair La Londe, agus dh’ innis mi dha gach ni a chunnaic ’sa chuala mi. Thuirt e rium nach robh facal bréige anns na dh’ innis Francis dhomh, agus chuir e ’n céill dhomh a bharail fhein air a chùis. “A thaobh an duine mhi-shealbhaich so, dh’ fhaodte gu bheil Dia ’na mhathas a ceadachadh do dhroch spiorad cumhachd a bhi aige thairis air re tamuill mar pheanas air son an droch ghniomh a rinn e; agus mar sin gu ’m bi e air a shaoradh o pheanas anns an àm a ta ri teachd. Tha fhios agad,” ars’ esan, “gu bheil sinne tha dhe ’n t-seann Eaglais a creidsinn anns a Phurgadair—àite anns am bi sinn air ar peanasachadh air son ar peacaidhean an deigh ar bàis, agus as am bi sinn fa-dheòidh air ar saoradh gu bhi mealtuinn sonas nam flathanas. Agus ma theid duine pheanasachadh mar sin ’san àm a ta ri teachd, car son nach fhaodar, air uairibh, a pheanasachadh ’san àm a ta làthair? Is ionnan gach àm agus gach àite ann am fianuis Dhé.” Beagan a bharrachd air bliadhna ’n deigh an ama so, fhuair mi litir o’n Athair La Londe, anns an robh na briathran so bu mhath leat a chluinntinn: “Chaochail Pierre La Rose, an duine bochd, o chionn dha no tri lathaìchean, air sàileabh ànnraidh us chlaoidh nan tursan bliadhnail air an robh e ’dol gu làrach a chionta. Bha e air leabaidh a bhàis làn aithreachais us dòchais, agus tha mi ’n earbsa gu robh e air a thearnadh. Ach, ged a bha e mar sin, bha aige gu latha ’bhàis ri dhol troimh ’n deuchainn uamhasaich ud—‘Uair ’sa Bhliadhna.’” Sgeul Beag do ’n Oigridh. AIR A H-AITHRIS LE FIONN. Is e deagh bhalach a bh’ ann an Cailean Ruadh, ged a bha aon droch-cleachdainn aige a bha deanamh mòran coire dha. Nis tha balaich ann agus tha iad de’n bheachd nach dean aon droch-cleachdainn moran coire, ach tha’ m beachd so fada ceàrr; fòghnaidh aon fhàilinn de’n t-seorsa so a mhilleadh cliù duine gu h-iomlan—mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh “millidh tarrang each, ’s millidh each seisearach.” Thachair so do Chailean Ruadh. Bha e na chleachdamh aige a bhi daonnan “beagan air dheireadh.” B’ abhaist da a ràdh, “Tha gu leòir a dh’ ùine,” ach tha e coltach nach d’ aimis “gu leòir” air-san riamh, oir bha e ’ghnàth ’s gun tàmh a cur dheth gach ni gus an tiota mu dheireadh. Theireadh e ris fhein, “bha mi ’m beachd a bhi ’sa sgoil an àm an diugh,” ach ’n uair thigeadh uair na sgoile bhitheadh Cailean na chabhaig ’s e astar math o’ n tigh-sgoil. Latha bha sin, chaill a mhairnealachd duais dha a bu ghle mhath leis aige. “Tha fhios agam,” ars’ esan, feasgar a bha sin, “gu bheil mi ni beag air dheireadh air cuid de m’ chompanaich, ach ma gheibh mi do’n sgoil an àm am màireach agus nach bi mearachd agam ann am leasain, ’s e mo bheachd gu ’m bi mi suas riutha. A mhathair an cur sibh air mo chois mi leth uair ni’s tràthaile ’sa’ mhaduinn am màireach?” Air an ath mhaduinn ghairm a mhàthair e mar a gheall i, ag radh ris—“Eirich a Chailein, cuimhnich air an duais air a bheil thu’n geall.” “Tha cuimhne agam air a sin,” arsa Cailein, “Cha ’n eil eagal nach bi mi an àm an diugh.” Ach an àite éirigh, mar a gheall e, laidh e mar a bh’ aige tacan eile agus mun do chuir e crioch air a bhrochan thuirt a mhàthair ris—“Greas ort a laochain, air neò cha ruig thu ’n sgoil àm an diugh.” Dh’ éirich Cailean ’s bha e ’na ruith ’s na leum—“C’ àite bheil mo’ bhoineid? Co chuir falach mo leac-chunntais? C’ àite bheil mo leabhraichean—dh’ fhàg mi iad an àit-eigin an raoir—cha ’n ’eil feum falbh as an aonais.” Thòisich e fhein ’sa mhàthair air rùrach air son gach nì, ach mu’ n d’ fhuaireadh iad uile, bha e teann air uair na sgoile. Dh’ fhalbh Cailean na dheannan, ach ged a bha’n anail ’s an uchd aige ’nuair a ràinig e’ n tigh-sgoil, bha e beagan air dheireadh, agus bha ’n dorus dùinte, glaiste. “A Chailein,” ars’ am Maighstir-sgoil, “cha ’n ’eil thu ach fior bheagan air dheireadh air Seumas Alasdair, agus na’n robh thusa an àm an diugh bu leat an duais.” Shaoileamid gu’m fòghnadh an t-achmhasan so dha ré a bheatha, ach tha e coltach nach tug e fiaradh á Cailean bochd. Goirid na dhéigh so fhuair Cailean cuireadh o bhrathar-a-mhàthar tighean agus seachdain a chuir seachad leis air an dùthaich. Dh’ innis e do Chailean an latha ’s an uair a bha e ri dol leis an each-iarruin, agus gu’n tachradh esan air aig ceann a thurais, agus mur biodh e sin air an latha ’s air an uair, nach biodh suil aige ris aig àm eile. Bha Cailean ann am boch mòr, agus bha e cur roimhe a bhi ann an àm air an turas so. Chuir a mhàthair air a chois e glé mhoch air a mhaduinn ud, agus bha a bhrochan deas ann an àm gu leòr, ach mar bu dual, bha Cailean air dheireadh. Ruith e air falbh gun bhiadh a bhlasadh, ag ràdh, “gheibh mi rud-eigin ’n uair a ruigeas mi sin.” “Theagamh gu ’m faigh,” fhreagar a mhàthair, “ma ruigeas tu, ach ’s e mo bharail-se nach bi thu ’n àm.” Mar a thubhairt a mhàthair, bha Cailean air dheireadh, agus b’ fheudar dha tilleadh dhachaidh ’gu nàrach, muladach. “Cha b’ urrainn ni b’ fhearr tachairt dhuit,” thubhairt a mhàthair, ’nuair a chunnaic i Cailean, “agus mur faigh thu thairis air an leisg ’s air a’ mhàirneulachd so cha ’n ’eil fhios agamsa ciamar tha thu dol a dh’ fhaighinn troimh ’n t-saoghal idir.” Beagan bhliadhnachan na dhéigh so dh’ fhàg Cailean an sgoil, ’s bha e an geall air an t-saorsainneachd ionnsachadh. Chual e gu ’n robh balach a dhith air Calum Saor agus thug e air ’athair dol a bhruidhinn air a shon. Gheall Calum Saor an t-àite do Chailean na ’m biodh e sin aig sea uairean maduinn Dhi-luain. ’Nuair thàinig maduinn Dhi-luain bha Cailean bochd air dheireadh mar a b’ abhaist agus ’s e bh’ ann gun do chuir Càlum Saor muinntireas air balach eile. Ràinig Cailean beagan an déigh na h-uarach, agus ’se thuirt Calum Saor ris—“Cha dean so feum idir ’ille, am fear a bhios fada gun éirigh bidh e na leum fad’ an latha. Tha mi duilich air do shon, ach an giullan a tha daonan air dheireadh cha bhiodh cuid no gnothach agam ris.” Ghabh na facail so greim air Cailean, chrath e dheth an leisg, fhuair e obair ’s chum e i. Tha e nis a deanamh a rathaid anns an t-saoghal ’s cha ’n ’eil anns a’ bhaile a nis a’ s fearr air a mhoch-eirigh na Cailean Ruadh.—An Fhianuis. An Coileach ’s am Madadh Ruadh. Mar a thug an coileach an car as a mhadadh ruadh; ’s cha d’ thug beathach riamh an car as ach an coileach a bha ’n siud. Thainig am madadh ruadh thun taighe, ’s rug e air coileach. Dh’ fhalbh e leis a choileach ’s dh’ fhalbh muinntir a’ bhaile as a dheigh. “Nach iad a tha gòrach,” ars an coileach, “a falbh as do dheigh, ’s nach urrainn iad breith ort co-dhiu.” Bha ’n coileach, nuair a dh’ fhosgladh am madadh ruadh a bheul, gus leum as. Nuair a chunnaic e gu ’n robh an coileach cho deònach air falbh còmhla ris fhein bha e cho toilichte. “O, a cheòlaire! nach abair thu, ‘’S e mo choileach fhéin a th’ ann’, ’s tillidh iad,” ars an coileach. Thuirt am madadh ruadh, “’S e mo choileach fhéin a th’ ann;” ’s nuair a dh’ fhosgail am madadh ruadh a bheul leum an coileach air falbh. An uair a tharruingeas gach duine ’chuid uige, is mairg a bhitheas gun chuid aige. [TD 148] [Vol. 9. No. 19. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh. agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, NOBHEMBER 9, 1900. Bha muinntir Newfoundland a’ taghadh pàrlamaid ùr Dior-daoin. Cha d’ fhuaireadh fios mu’n deach am paipear so an clò, cia ’n taobh a thug buaidh. Bha an cath, air an eilean sin, eadar an riaghladh agus Reid, duine d’ an goirte o chionn beagan bhliadhnaichean air ais “Righ Newfoundland.” Thog esan an rathad-iaruinn, agus chuir e moran obrach air adhart a bha toirt soirbheachadh nach bu bheag d’ an dùthaich. Air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh, bha e air son achd ùr fhaotainn troimh ’n phàrlamaid; ach dhiult an riaghladh sin dha, agus uaithe sin tha e ’g obrachadhan aghaidh an riaghlaidh, agus aig an taghadh so ’se nàmhaid a’s cumhachdaiche a bh’ aca. ’Nuair a theid cuideachd làidir no duine saoibhir, cumhachdach an aghaidh luchd-riaghlaidh dùthaich bheag coltach ri Newfoundland, bidh e gle bhuailteach air an cur bun os ceann; air an aobhar sin, cha b’ iongantach leinn ged a b’ i ’n sgeul a thigeadh á Newfoundland an duigh gu robh an riaghladh air a chur á dreuchd. Tha latha ’n taghaidh seachad; thug sluagh Chanada breth orra-san a chaidh fa ’n comhair ag iarraidh àiteachan-suidhe ann an àrd-phàrlamaid na dùthcha, agus feumaidh iadsan a chaill cho math riutha-san a choisinn, a bhi leagte ris a bhreth sin. Is iad na liberals a choisinn an latha; tha iad air an cur a stigh a rithist, agus iad a reir coltais na’s treasa na bha iad roimhe. Chaill iad ann an Ontario, ach rinn iad buanachd mhor ann an Cuebec, an New Brunswick, an Eilean a Phrionnsa, ’s an Nobha Scotia. Cha d’fhuair na conservatives ach ceathrar a stigh ann an Nobha Scotia, coignear ann an New Brunswick, agus seachdnar ann an Cuebec; ach ann an Ontario fhuair iad naodhnar no deichnear a bharrachd air na bh’ aca roimhe. Air eilean Cheap Breatunn, bha liberals air an taghadh anns na ceithir siorrachdan, eadhon an siorrachd Cheap Breatunn, nach do chuir duine dhe ’n aidmheil sin do ’n àrd-phàrlamaid o chionn còrr us fichead bliadhna. Chaill, mar sin, Sir Tearlach Tupper, duine nach do chaill aig taghadh pàrlamaid riamh roimhe. Chaill na conservatives, a bharrachd air Sir Tearlach, àireamh de na daoine b’ fhearr a bh’ aca, am measg chàch an t-Onorach Deorsa E. Foster agus Uisdean Iain Domhnullach Air taobh nan liberals, fhuair gach aon de mhinistearan a chrùin a stigh, agus cha ’n eil teagamh, air an aobhar sin, nach bi an riaghladh air fhàgail anns na ceart lamhan anns an robh e re nan ceithir bliadhna chaidh seachad. An àireamh a chaidh a thaghadh dhe gach pàirtidh anns gach roinn fa leth, a reir nam fiosan mu dheireadh a fhuaireadh ann an seo:— Lib. Con. Nobha Scotia 16 4 New Brunswick 9 5 Eilean Phrionns Iomhair 4 1 Cuebec 57 7 Ontario 40 50 Manitoba 2 3 An Iar Thuath 3 1 Columbia Bhreatunnach 2 3 135 74 A reir a chunntais seo, tha 61 a bharrachd aig na liberals. Ach tha corra àite as nach d’ fhuaireadh fios ceart fhathast. Bha muinntir nan Stàidean a’ taghadh ceann-suidhe no Righladair Di-màirt s’a chaidh. Fhuair Uilleam Mac-Fhionnlaidh le guth an t-sluaigh aonta cheithir bliadhn’ eile dhe ’n dreuchd urramach agus chudthromach sin; ach cha robh a bhuaidh air an turas so cho mor ’sa bha i ceithir bliadhna roimhe so. Cha ’n eil an ceum a tha na Staidean, fo riaghladh Mhic-Fhionnlaidh, air a thobhairt ann a bhi ’gabhail gnothuich ri cùisean an t-saoghail nach robh iad a’ gabhail riamh roimhe, a còrdadh fior mhath ris an t-sluagh; agus ged a bu roghnaiche leotha Mac-Fhionnlaidh le chuid Rioghalachd na Bryan le saor chùineadh an Airgid, nochd iad nach robh iad cho spéiseil uime ’s nach cuireadh iad cùl ris ma ’m biodh duine gun Rioghalachd ’s gun Saor Cuùineadh air a bhi ruith ’na aghaidh. Ach cha ’n urrainn na Stàidean a mise dhol air ais o’n àite ghabh iad am measg rioghachdan na talmhainn, agus cha’n eil teagamh nach fàs an sluagh ri ùine cleachte ris an t-suidheachadh ùr, agus gu ’n tig iad a lion beagan us beagan gu bhi cho deigheil air a bhi deanamh uaill as an lamh a tha aca ann an gnothuichean an t-saoghail ’sa bha iad roimhe so á bhi leigeil leis an t-saoghal dol mar a thogradh e, ’s iadsan a toirt an aire air an gnothuichean féin. Fhuair Theodore Roosevelt a stigh mar iar-riaghladair còmbla ri Mac-Fhionnlaidh. Tha iad le cheile ’nan daoine tapaidh, onarach, agus faodar earbsa riutha an dùthaich a riaghladh gu glic agus gu ceart. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 149] [Vol. 9. No. 19. p. 5] LITIR A CEAP NOR. Tha ’m fogharadh gus a bhi nise seachad, agus an geamhradh, a tha neo-thaitneach le moran, a’ tarruing dluth. Saoilear aig a’ toiseach gur e ùine mhor a tha ann am bliadhna, achd cha ’n fhairich iadsan aig am bheil deadh shlàinte agus inntinn thoilichte an ùine sin fada ruith seachad. Bidh a mhuinntir euslan, mar a’s trice, foighidneach ’s mar dh’ fhaodas iad a bhi, a’ faireachadh an làithean anshocrach a’ dol seachad gle mhall. Bidh moran eile aig am bheil an t-slàinte, a’ deanamh na dh’ fhaodas iad a chum, mar their iad fein, uine mharbhadh, mar nach bu tàlant ro luachmhor i a bu choir do gach aon a chur gu deadh bhuil. Is iomadh aon de ’n t-seorsa sin a bheireadh an saoghal uile, ged bhiodh e nan seilbh aig uair am bàis, an eiric tuilleadh uine fhaotainn air uachdar. Tha e ri fhaicinn gu soilleir nach ann a chum a bhi air an anacaitheabh a tha laithean agus bliadhnaichean air an deonachadh dhuinn, ach a chum a bhi gniomhach anns gach doigh a tha air aithne dhuinn, agus a chum a bhi air ar n-ullachadh air son an t-saoghail ri teachd. Aig an dearbh am so fein—àm an taghaidh—’s cinnteach gur mor a tha air a labhairt agus air a dheanamh air feadh Chanada gu leir, nach bi buannachdail ann an seadh ceart do neach sam bith. ’S ainmic paipear-naigheachd a leughas sinn anns nach fhaod sinn fhaicinn an dian stri a tha ’m paipear sin agus a bhuidheann d’ am buin e a deanamh a chum iad fein a mholadh agus a thogail, agus a bhuidheann eile dhi-moladh agus a chur an suarachas. Saoilidh mi gu ’n aidich gach neach gur fior agus cothromach a bhreth so a thug MAC-TALLA orra sin o chionn ghoirid: “Cha ’n ’eil iadsan a tha air taobh seach taobh cho olc ’s a their an naimhdean no cho math ’s a their an cairdean a tha iad.” ’S iad an t-Onarach Uilleam Ros agus D. A. Mac Ascuill a tha stri ri cheile air son na siorrachd so. Bha iad le cheile ’s an àite so ré beagan làithean o chionn ghoirid. An deigh dhaibhsan pilleadh air an ais, thaghail an t-Ard-chomhairleiche Murray oirnn; ’s mar sin cha ’n ’eil fois gus a bhi aig moran gus am bi an taghadh seachad, ma bhitheas an deigh sin fhein. Tha tuathanaich an àite so mu bhi ullamh de chladhach a bhuntàta. Tha roinn mhath aig gach aon, ged nach ’eil iad cho pailt ’s a’s minic a bha iad. ’Nuair dh’ fhosglar an acarsaid againn, agus a bhios bàta-smùide ruith eadar so agus Sidni gach là, mar tha air a ghealltuinn dhuinn, agus a thogar meur de ’n rathad-iaruinn o Mhargaree troimh an àite so gu White Point, agus a chi iadsan a tha air bhi cluinntinn fuaim na trein cheana roimh an àm, an t-each-iaruinn ’na dheann le chuid charbad troimh ’n àite, an sin ’s math a thig do gach Gàidheal us eile bhi ’togail an cinn, oir “cha bhi iad am fang ni ’s mo.” Tha e fior gu bheil surveyors air a bhi mach o Mhargaree a chum slighe rathad-iaruinn a thaghadh agus a chomharrachadh a mach gu ruige an t-àite so, agus tha e air aithris gu bheil e ’m beachd Mhic Coinnich agus Mann gu ’m bi malairt mhor air a’ giulan air adhart eadar Canada agus an t-seann dùthaich air an rathad so. Oct. 31, 1900. M. D. NAIGHEACHDAN. Bha stoirmeannan sneachda ann an cearnan de Bhreatunn o chionn ghoirid. Is e so, da-rireadh foghar nan taghaidhean. Cha ’n eil muinntir Bhreatunn ach direach a’ faotainn cuibhteas an taghaidh fhéin; agus air an t-seachdain so, bha taghadh anns na Stàidean Di-màirt, taghadh againn fhéin an Canada Di-ciaduin, agus taghadh ann an Newfoundland Diordaoin. Tha Morair Roberts ag asluchadh air muinntir Bhreatuinn, iad a sheachnadh deoch làidir air na saighdearan an àm dhaibh a bhi ’cur fàilte orra air an tigh’nn dhachaidh á Africa mu Dheas. Tha eagal air gu’n dean an sluagh, ’nan caoimhneas, moran dibhe thathunn orra, ni a dh’ fhaodas a bhi na’s cronaile do mhoran dhiubh na uile chunnartan an Transbhaal. Tha Roberts ’na dhuine stuama e-fhéin, agus tha e daonnan a’ togail a ghuth air taobh stuaime anns an arm. Tha e-fhéin agus Kitchener dhe ’n aon inntinn a thaobh an ni sin, ’S fhiach MAC-TALLA dolar ’s a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhe’n phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:— Neach sam bith nach eil am fiachan do ’n phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1.50 air a chur thugainn aig a toiseach. Rainig am bàta-smùid Idaho Halifacs Dior-daoin s’a chaidh leis a cheud bhuidheann shaighdearan a chaidh á Canada an uiridh a chogadh air taobh Bhreatuinn anns an Transvaal. Bha othail agus greadhnachas ann a Halifacs ’nuair a rainig iad nach fhacas a leithid ach ainneamh riamh roimhe anns a bhaile sin. Tha direach bliadhna on dh’ fhalbh ar saighdearan, agus cha do thill iadsan uile dh’ fhalbh: tha àireamh nach beag dhiubh ’nan cadal buan fo’n fhòd ann an Africa mu Dheas. Cha b’ ann ann a Halifacs a mhàin a chuireadh fàilt agus furan orra-san a thill; bha cheart uiread othail agus di-beathachadh air a dheanamh riutha ann an Cuebec, am Montreal ’s an Toronto. Stor nan Sutharlanach an stor a’s fhearr an Sidni air son Caiseart agus Aodaich. Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7.20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7.20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein. DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw,” LEATHAR UILE, air $1.15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1.40. H. H. Sutherland & Co. An Stor Thormaid Dhomhnullaich. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN. Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILECEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 150] [Vol. 9. No. 19. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XIX. BLAR NA H-EAGLAISE BRICE. Bha ’n ùine nìs’ a’ teannadh dlù do cheithir uairean ’s an fheasgar sa’ mharcachd-shine sgaoileadh doilleireachd, cho math ri dubhar an anmoich ’nuair thug Seanalair Hawley òrdugh dha thrùpairean ionnsaidh thoirt air na nàimhdean. Bha sùil aig Hawley mar chaidh chean aithris, nach cumadh na Gàeil an aodann ri aon mharcach cogaidh, no idir ri réiseamaid thrì cheud diag trùpair! Dh’ fhan na trùpairean so nan stad-sheasamh fa chomhair nan Gàeil car cairteal na h-uarach,—a feitheamh gus an loisgeadh na Gàeil a’ chiad làdach le dùil, an uair a bhiodh an gunnaidhean falamh gun rachadh ac’ air an saltairt sìos fo chasan an cuideach, agus an lot le rinn am pìcean,—cha robh làmh dheas an airm Ghàelich féin fathast an ro gheall air dhol an dàil nan trùpairean a thaobh nach d’ fhuair an làmh chlì an òrdugh catha, air do’n dà arm a thighinn a nise gu cothromach ri uchd bualaidh, ghreas na trùpairean dearga ’n cuideachd gu ionad urchair daga do laimh dheis an àirm Ghàelaich. An sin thug Morair Seòras òrduge dha ma Oàeil losgadh, agus rinn iad sin le cuimse cho cinnteach ’s gun bhrist iad reang nan trùpairean leis a’ chiad làdach.* Air ball theich trùpairean Ligoneir agus Hamilton, na gealtairean sin air na chuir na Gàeil an ruaig latha Sliabh a Chlamhain. Air dhaibh so a bhi teicheadh bharr na h-àraich shaltair iad sios saighdearan coise laimh chlì an airm aca féin fo chasan an cuideach! ag éigheach ri’n còmpanaich mar bha iad a ruith air falbh. “A bhràithrean gaoil bi’dh sinn gu léir air ar mort an diugh!” Cha d’ rinn trùpairean Chobhain dad n’a b’ fhearr, ruith iad sios a’ ghlaic a fhaotainn fras pheileir bho na Gàeil mar bha iad a triall. Bha cuspaireachd nan Gàeil cho ro chinnteach air an latha so is gur gann a chuir iad dusan pheileir ’san fhraoch, dheth na thilg iad, air chor is gun tug iad “iomadh fear mòr a nios.” Co-dhiùbh, chaidh an réiseamaid each a bha fo Chorneileir Whitney air thapadh, ’nuair bha réiseamaid a dhol aig a h-aghaidh chunnaic Whitney féin Iain Ruadh Stiùbhart, air an robh e roimhe eolach, ma choinneamh thall a measg nan Gàel, agus ghlaodh e, “A! am beil thus an sin Iain Ruaidh? Cha ’n fhada gus am bi mise suas riut!” “’S e do bheatha ’nuair thig thu,” ars Iain; agus mu ’n gann a labhairt Iain Ruaidh na facail so, bhuail Peileir Whitney a thug air ball a nuas e gu ’n deò a bharr an eich. Air faicinn sin da chuid daoine ruith iad an cuid each air muin Chlann-Raonuill (a bha mu ’n àm sin mu ’n coinneamh) ga saltairt sios fo chasan nan each ann an priobadh nan sùl; ach cha b’ ann air mi-thapadh a chaidh Clann-Raonaill, ged a bha ’n cùl ri talamh, thòisich iad air bruanadh nan each ma na tarran le ’n cuid biodagan, rinn cuid eile gréim air earbaill nan casagan dearg’ aig na trùpairean ga’n tarruinn a bharr nan each agus ga ’m fagail gun deò le aon bhruan de ’n bhiodaig! Cho luath sa theich trùpairean Whitny air falbh thug a’ chuid eile dheth an arm-dhearg an ionnsaidh air na réiseamaidean a bha nan seasamh eadar làmh dheas agus chli an àirm Ghàeilich, b’iad sin Clann-Chatainn, Clann-Mhuirich, na Cam-Shronaich agus Stiùbhartaich na h-Apunn; loisg iad so aon làdach air an arm-dhearg bho cheann gu ceann, agus as deigh sin a dheanamh leum iad nam badabh le ’n claidheannan rùiste gus na theich iad fa-dheoigh le breislich bharr na h-àraich; mu ’n àm chianda bha na Dòmhnullaich air brùchdadh sios air laimh chlì an airm-dheirg a bh’ air an deanamh suas dha réiseamaid Ghallda maille ri Caimbeulaich Earra-Ghàel. B’ ann an cuideach na feaghnach so a bha Donnachadh Bàn nan òran, a thubhairt:— “Mar gu’n rachadh cù ri caoirich, ’S iad nan ruith air aodann glinne, ’S ann mar sin a ghabh iad sgaoileadh Air an taobh air an robh sinne!” Chaidh na réiseamaidean so nan tur bhreisleich, araon le ceò an fhudair agus an t-sion, a bha bras dhortadh na ’n aodainn, air chor is gun theich iad sios do ’n Eaglais-bhric, gun amharc aon uair as an deigh no air gach taobh, ach an t-sligh’ a bha roi’n sroin a ghabhail co-dhiu bu mhìn no gàrbh:— “Nuair a bhuail iad air a chèile, ’S ard a leumamaid a pilleadh, ’S ghabh sinn a mach air an abhainn Dol g’ar n’-amhaich anns an linne!” Air ball an deigh so sguab osag threun ghaoithe ceò an fhùdair dheth lòm na h-àraich is cha ’n fhaca na Gàeil trùpair no fear cota deirg ’nan sealladh, agus air dhaibh a bhi fathast an teagamh nach bu leo féin a bhuaidh-làraich, ach gur ann a chuir an nàmhaid car ma chnoc dhiu chum a thighinn orra le foill a thaobh an cul, thòisich iad air farraid ri chéile:—“C’àit’ am beil na daoine? C’àit’ an deach iad? Air do na Gàeil a bhi tacan nan seasamh air an àraich ’san imcheist so, co dhiu a choisinn no nach so choisinn iad buaidh na teugbhail, a bhrì gun robh am feasgar ro dhoirbh thuirt cuid de na h-oifigich gum b’ ghearr dhaibh triall gu fasgath Dhun-Mhaic, gus am faigheadh iad fios cia mar chaidh dha na nàimhdean, ach thuirt Morair Seòras gu ’m *Chualas Wade fein gu tric ag innse ann an Sasuinn, ged a bha e gu tric ri aghaidh teine nach fac e riamh cuspaireachd cho cinnteach ris a’ chiad ladach a loisg lamh dheas an airm Ghaelich air a chuid trupairean latha Sliabh na h-Eaglais. Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. AMHERST BOOT & SHOE Mfg Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 151] [Vol. 9. No. 19. p. 7] b’ fhearr dhaibh an Eaglais Bhreac a thoirt orra air eagal gun cuireadh an t-arm dearg an òidhche seachad sa’ bhaile is gun biodh iad ùr fuaslaidh a chum an ath ionnsaidh a thoirt air na Gàeil sa’ mhadainn. Thuìrt am Prionnsa mar an cianda gur e ’n Eaglais Bhreac a ruidhinn a réir a bheachd-sa’ bu bhuannachdail, ach thuirt e gu ’m fanadh e-féin ann an aon de thaighean na tuatha ri uchd an t-sléibhe, gus an cluinneadh e cia mar chaidh dha na nàimhdean. Thàinig an sin fios as an Eaglais Bhric gun do theich Senalair Hawley (as deigh dha òrduchadh a Phàilinn a chuir r’a theine) rathad Dhunéideinn. ’Nuair chuala na Gàeil so, dh’ fhag iad an Sliabh nan trì cuideachdan fo chomannda Mhorair Drumuinn, Loch-iall agus Mhorair Seòras, agus chaidh gach cuideach a steach do ’n bhaile air slighe fa-leth. Cha do ràinig an Eaglais-Bhreac air an oidhche sin ach ma chuig ceud diag dheth na Gàeil. Chaidh cuid eile chum taobh siar an t-Sléibhe a shirreadh fasgaith ré na h-òidhche, chaidh mòran dheth na daoine, nan tur bhreisleich: theich cuid ac’ air falbh le dùil gun deach’ an armailt a léir-sgrios no ghlacadh leis na nàimhdean, ràinig Morair Luthais Gòrdon agus caochladh dheth na fineachan taigh Dhun-Nipaic, gun fhios sam bith aca, cia mar chaidh an latha, no ciod a thainig ri pàirt dheth an cuid daoine féin. Fa-dheoigh ma ochd uairean a dh’ òidhche, chaidh fuasgladh air imcheist nan daoine so, le Dòmhnullach Locha-Bhric le teacaireachd bho ’n Phrionns’ ag iarraidh orra an cuid daoine chur air an aghaidh do ’n bhaile sin, air fìr thoiseach na maidne. Bha iad a nis’ air creidsinn gur ann aca féin a bha chuid a b’ fhearr de ’n latha. Air an òidhche sin féin chuir am Prionnsa àireamh mhath dheth a’ chuid dhaoine a réiteach na h-àraich agus a thrusadh na creich’. Dh’ fhag Hawley gach trealaich a bha ’n cois an airm-dheirg as a dheigh ’nuair theich e, a’ meas gach seud gun bhrìgh an coimeis r’a bheatha. Air an aobhar sin fhuair na Gàeil sealbh air an urrad so de chuid ri Deòrsa:—Seachd gunnaidhean mòra, sia ceud mosg, da-fhichead ceud pund fùdair, iomadh dheth an cuid brataichean &c. An deigh sin chaidh an earradh a thoirt dheth na mairbh, agus am fagail an òidhche sin ’nan sineadh an’ suain a bhàis air an àraich.* Cha deach a mharbhadh air taobh nan Gàel féin ach dà fhear deug ’ar fhichead agus ma shia fichead fear a leòn, chaill an t-arm-dearg, eadar na chaidh a leòn s’a mharbhadh, ma dha cheud a’s ceithir fichead fear. B’e ’n *Bha fir sheann duine nach d’ rinn ach caochladh bho cheann beagan bhliadhnachan ag radh gu ’n deach e air a mhadainn an deigh a’ bhlair a dh-amharc na h-araich, agus gun robh i air a glanadh cho ro lom leis na Gaeil, is nach fac e dad ach eich mharbha. cuifeannan leth loiste, agus cuirp nam marbh; a bha na laidhe gle dhlu air a cheile. Agus a thaobh gu ’n robh iad uile ruiste, shamhlaich se iad ri trend lionmhor de chaoirich bhana nan laidhe air uchd cnuic! Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. “Cha ’n ion do dhuine a ghàire,” ars’ am fear a bha ’s an àrfhaich, ’s fitheach air e fhein a ribeadh ’n a chaolain, ’s e ri fàite-gàire ri lon an fhithich. “Ruchd, ruchd!” thuirt am fitheach, “’s e mo mhac an tighearna.” Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. [TD 152] [Vol. 9. No. 19. p. 8] urra b’ ainmeile dhiu sin, Sir Rob Munro, Tighearna Fòluis, diùlanach cho math agus saighdear cho treun sa dheanadh Alba mhòr gu léir an latha sin. Bha e air cheann a’ chuid daoine féin (na Rodhaich) air laimh chlì an airm-dhéirg maille ri Caim-beulaich Earraghàel, agus ged do dhearbh nan Rodhaich iad-féin “mar bheath-raichean geura nan cath” latha Fontenoi ghabh iad an ruaig air an latha so gu cas, a’ fàgail a’ ghaisgich bu cheann orra fo mheachainn a nàimhdean,* Air ball an deigh sin thàinig sianar fhear chum an uasail so a ghlacadh, agus ann an toirt ionnsaidh air e féin a dhion mharbh e dithis diu sa’ chonnstri, ach a thaobh gun robh fios aig a’ cheathrar eile gun b’ e Fear Fòlais bu roghnaiche leo na mharbhadh a thoirt mar phrìosanach, ach ma’s do thàr iad a ghlacadh, thàinig caraid do dh’ fhear de an dithis a mharbh e agus chuir e peileir ann ma iochdar a chuirp agus bha e marbh air ball. † Cha robh na Gàeil a’ caoidh duine dheth na naimhdean a thuit an latha so ach Fear Fòlais na aonar, bha mhòr euchdan latha Fhontenoi nan cliù, cha ’n ann a mhàin do gach Gàel, ach do shluadh Bhreatainn gu léir, cha ruigear a leas cliù an latha sin ainmeachadh an so; tha i cheann’ iomraiteach ann an seannachas gach rioghachd leis am miann “uirsgeul nan cath.” A thaobh a mhòr spéis a bh’ aig Fear Fòlàis fhuair a ciste-laidhe duin’-uasail air a deanamh dha san Eaglais-Bhric: agus an uair a chaidh na h-oifigich dhearg’ a thilgeadh air muin a chéil’ ann an tuill gun fiù lein’ an anard far na thuit iad; chaidh Fear-Fòlais a ghiulan air ghuaillean Chlann-Dòmhnuill gus na leag iad sios e ri taobh an dà ghaisgeich iomraitich sin, an Greamach agus an Stiùbhartach a thuit ann sa chath ghailbheach, a chuireadh, air Sliahh na h-Eaglais aireamh bhliadhnachan roimhe sin, agus a bha air an tiodhlaiceadh ann an clagh na h-Eaglaise-Bric. Feagh a bha Fòlais ga ghiùlan a chum na h-uaighe, bha dà chlaidheamh air an cuir tarsuinn air a chéile air clar-uachdair na ciste, agus targaid ’nan glaic. Bha cinn-feadhna nan finneachan gu léir an deigh a’ ghiùlain, agus siathnar phìobairean a cluich “Cumha Fir Fòluis.” Cha’n fhada bho’n a chaochail seana bhean a mhuinntir na h-Eaglaise-Bric aig an robh cuimhn’ air tiodhlaiceadh an fhiùidh so. Mu ’n dh’ fhàg Seanaileir Hawley Dunéideann, chum tachairt ri armailt a’ Phrionnsa, thog e dà chroich air Margait an fheòir, air an robh dùil aige mheud sa’ tharadh e ghlacadh dheth na Gàeil an deigh a bhlàir a chrochadh. Ach air dha an àrach fhàgail mar ghealtaire gun cliù, gun mhisneach, thòisich e air crochadh a chuid daoine féin air na dearbh chroichean sin a thog e air son nan Gàel. Ge be ciod a choire fhuair e do na truaghanan bochda sin cha chuala mi. Dh’ fhàg e’n cuirp an slaodadh ris na croichean bho mhadainn gu dol fodha na gréine; agus chan fhaca muinntir Dhunéideinn a lethid sin do latha bho’ bhliadhna 1681, anns na chroch Párlamaid Alba siathnar mhinistearan ceannairceach ann am Margait an fheóir! Bha na Gàeil cho deigheil air iad féin a chur ri uchd gabhaidh ann an aobhar Thearlaich is gun aithris mi ann an so sgeula beag a chum sin a chòmhdach. Bha Gill’ òg d’am b’ ainn Rob Stiùbhart de Theaghlach Bhonnsgaid ann an Abhall na shaighear an geard a’ bhaile ann an Dunéideann. Latha ro’ bhlàr Sliabh na h-Eaglais, dh’iarr e fòrlach dha latha air Caiptin a Gheaird. Air dha sin fhaotainn thug e ás le ghun’ air a ghualainn agus cha da stad e gus an deach e fo bhratach nan Stiùbhartach an armailt Thearlaich, agus chog e maille ris a’ chuid eile dheth fhine an aghaidh rìgh Deòrs’ air Sliabh na h-Eaglais; agus bha e ann an Dunéideann air an ath mhadainn an deigh a’ bhlàir, agus sin trà gu leòir gu ionad a sheasamh air an fhreiceadan. Bha fios aig caiptin a gheaird gu fìr mhath an turas a thug Rob Stiùbhart air falbh, ach an àite chrochadh ri croich mar dheanadh Hawley ’s ann a rinn an t-Albannach fiùghantach glag mór gàire.* (Ri leantuinn.) *Tha cuid de mhuinntir a’ cumail a mach nach robh na Rodhaich air son buladh air na Gaeil eile latha Sliabh na h-Eaglais, gu ’n robh iad air son leigeil eadair iad fein ’s na Sasunnaich. Ach mar a leughair an deigh so. ’Nuair a chunnaic iad gun do thuit an ceann-feadhna sa chath, bha ’n cas ro mhor, agus bha iad a cuir rompa gun dioladh iad a bhas air a’ chiad cothrom, agus chaidh ac’ air a sin a dheanamh latha Chuil-Fhodair. †Be ainm an duin’ a chuir am peileir bais ann am Fear Folais, Calum Mac-Ghriogair, fear do dhaoine Glinn-Goill. Theirte ris mar leas-ainm Calum na Ciabhaig. Theagamh na robh siunnailt do Dhiuc Uilleam an Albainn ann am blar Sliabh a Chlamhain cha robh aon chuid gunna no claidheamh aig an duin’ uaraidh so, ach seann speal le dorn math coise do cheathramh innsinn. Leis an arm oilteil so bha e leagail mionach nan each-cogaidh ri a’ chiad bhuille, agus a meadhadh dhorn a’s chnuac dheth na naimhdean air gach taobh dheth. Ged do bha na dearganaich bhochda dol air an gluinean roimhe ag iarraidh trocair, bha e deanamh spealadh nan dialtag orra. ’Nuair a thug an Prionns’ an aghaidh dha an doigh a bhlair air son a bhi cho beag iochd, ghabh Calum coir a leisgeul fein le radh nach robh e tuigsinn le cion na Bheurla co dhiu bha iad ag iarraidh sith no comhrag. *Sin agaibh aon Chaimbeulach math, an dearbh dhuine bho d’fhuair Donnacha Ban nan oran “Seonaid nighean Deora” an turas “thainig e Dhuneideann a dh’ iarraidh leannain.” The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Clocaichean. A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha. Clocaichean Dusgaidh o $1.00 suas. Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas. Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas. Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas. Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn. BEZANSON, An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 153] [Vol. 9. No. 20. p. 1] MAC- TALLA VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 16, 1900. No. 20. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. LE IAIN. CAIB. II. NA MNATHAN AIG A’ CHUIRM. “NACH ann a bha còir an té a thug dhut a’ phlacaid, a bhean Dhomhuill? Feumaidh sinn boinnein beag dheth òl air a slàinte. Gu dearbh, an uair a dh’ fhalbh mi o ’n taigh, cha robh dùil sam bith agam gu ’m blaisinn deur bu treise na tì gus an tillinn. Ach is iomadh rud math a tha sinn uile ’faighinn ris nach ’eil dùil againn.” “Bha bean a’ mhaoir còir gun teagamh; ach is i bean Dhomhuill Bhàin a’s còire. Is iomadh te a chuireadh a’ phlacaid seachad ann an àite gleidhteach gus am faigheadh i cothrom air na th’ innte ’òl gun fhios do dhuine beò. Is ann do bhean Dhomhuill Bhàin, a Mhòr, is còir dhutsa agus dhomhsa taing a thabhairt.” “Na bithibh a’ toirt taing sam bith dhomhsa. Is math bu chòir dhomh ni sam bith a thachradh a bhith agam a thoirt do gach té dhibh. Cha ’n fhaiceadh té seach té dhibh éis sam bith ormsa, nam biodh comas agaibh air cuideachadh a dheanamh leam.” “A Cheiteag, a luaidh, fhad ’s a bhios sinne a’ gabhail a’ chupa tì, theid thusa ’mach, agus bidh tu ri furachail air eagal gu ’n tig duine sam bith rathad an taighe. Ma chì thu duine ’tighinn, buailidh tu aig an uinneig. Gheibh thu do roinn de gach ni a th’ air a’ bhòrd an uair a ghabhas sinne ar biadh. Na innis do neach sam bith a chì thu ’dol seachad, gu ’m bheil sinne ’staigh.” Au uair a shuidh na mnathan mu ’n bhòrd, thugadh làmh air a’ phlacaid, agus dh’ òl iad air slàinte bean a’ mhaoir ’s air an slàinte fhéin mu ’n do bhlais iad air an tì. Cha b’ i a’ chuirm gun a comhradh a bh’ aca; oir ged nach tachradh deur de stuth bu treise na ’n tì a bhith fo ’s laimh aca, dheanadh iad comhradh gu leor. Cha robh triùir eile ’san dùthaich bu deas-bhriathraiche na iad. Ach an uair a fhliuch iad an ribheid le mac na braiche, cha robh foghnadh no fosadh air an cainnt.” “Tha mise an dòchas, a Chatriona, nach tig Lachlainn dhachaidh a dh’ aithghearr. Ma thig, cha bhi e toilichte sinne ’nar dithis fhaicinn an so comhladh riutsa,” arsa Mòr. “Cha ’n e so dath a bhios air an latha, an uair a thig e. Chaidh e fhein is Domhull ’s an t-searbhanta gu cùl Beinn na Corrairidh a bhuain fhraoich. Bidh an dubh oidhche ann mu ’n tig iad. Tha Beinn na Corrairidh astar mòr as a so, agus tha ’n latha air fàs gle ghoirid.” “Ubh, ubh, ciod a chuir air falbh air astar cho fad sin iad a bhuain fhraoich? Cha chreid mi nach ’eil fraoch gu leòr anns a’ Ghleann Mhòr.” “Tha fraoch gu leòr anns a’ Ghleann Mhòr gun teagamh; ach tha am maor an aghaidh do dhuine sam bith a dhol ’g a bhuain am bliadhna. Tha e ag radh gu ’n d’ òrdaich am Baillidh ’s an t-Uachdaran gun gheug a thoirt as. Cha ’n ’eil fhios againne co dhiubh a tha so fìor, no nach ’eil. Feumaidh daoine bochda mar a tha sinne a bhi umhail do ’n mhaor, ar neo is dòcha gu ’n cuirear as ar cuid fearainn sinn. Innsidh mise dhuibh, o’n is sibh a th’ ann, rud a chuireas ioghnadh oirbh. Bha marsanta-paca air falbh air feadh na dùthcha mu ’n àm so an uiridh, agus thainig e, an duine bochd, thun an taighe so anamoch ’san oidhche. Dh’ iarr Lachlainn air fuireach fad na h-oidhche. Is e duine anabarrach comhraiteach a th’ ann. Comhladh ris gach naigheachd eile a dh’ innis e dhuinn, dh’ innis e gu ’n do chuireadh am maor bhar na h-oighreachd air an robh e roimhe, a chionn cho eucorach ’s a bha e. Tha e coltach gur e bu choireach mòran dhe ’n tuath a bh’ air an oighreachd a chur air fògradh gu ruige America, agus do dh’ iomadh àite eile. Thuirt am marsanta ruinne, gur e gliocas gach neach a bhith réidh ris, ma ’s urrainn iad idir. Ach na tugaibhse guth no iomradh air so ri duine beò. Nam faigheadh am maor am mach gu ’n robh sinn a’ bruidhinn air, dh’ fheuchadh e gun teagamh sam bith ri ar cur as ar cuid fearainn.” “Ach, a Chatriona, cia mar a fhuair e bhith ’na mhaor anns an àite so, ma chaidh a chur air falbh mar dhroch sheirbhiseach as an àite ’s an robh e roimhe?” arsa bean Dhomhuill Bhàin. “Innsidh mise sin dhut. Tha bean a’ mhaoir agus bean a’ Bhaillidh anns na h-oghachan dh’ a cheile; agus an uair a chaill esan a’ mhaoirneachd far an robh e an toiseach, shuidhich am Baillidh ’na mhaor e thairis air a’ chuid so dhe ’n dùthaich. Tha mi ’creidsinn nach cual’ an t-Uachdaran còir dad cearr riamh mu dheidhinn a’ mhaoir. Nam biodh fhios aig an Uachdaran air an obair a bh’ aige mu ’n d’ thainig e do ’n dùthaich so, faodaidh tusa ’bhith cinnteach nach cumadh e latha ’na sheirbhis e. Ach is math a bha fhios aig a’ Bhaillidh air an dol am mach a bh’ aige far an robh e roimhe. Na tugaibhse guth air so air na chunnaic sibh riamh. Nam faigheadh Lachlainn am mach gu ’n d’ innis mise aon fhacal dhe so dhuibh, cha tugadh e mathanas dhomh gu bràth.” “Am bheil thu ’g aithneachadh orm, a Chatriona, gu ’n do ghabh mi an deur beag ud? Tha mi ’faireachdain mo chinn anabarrach aotrom. Tha mi ’n dòchas ann an Nì Math nach tig duine thun an taighe gus an stòldaich mo cheann. Ma thig, aithnichear orm gun teagamh sam bith gu ’n do ghabh mi stuth a’s treise na cupan tì.” “Sguir dhe do bhruidhinn gun dòigh, a Mhòr. Cha ’n ’eil thu ach a’ toirt ort fhein a chreidsinn gu ’m bheil suaineach ’na d’ cheann. Grad òl an cupa math làidir sin, agus cha ’n eagal dhut. Siuthad thusa, a bhean Dhomhuill. Cha ’n ’eil sgoinn sam bith annad gu biadh a ghabhail. Cha bheathaicheadh e an t-eisean circe na ghabh thu o ’n shuidh thu aig a’ bhòrd. Greas ort mu ’n tig streatharlach sam bith thun an taighe. Cha chreid mi nach ann a thug an deur beag ud do chàileachd uat gu buileach.” Anns an fhacal, ghlaodh Ceiteag àird a claiginn, gu ’n robh a h-athair a’ tighinn leis na saic fhraoich, agus gu ’n robh e ’cromadh an nuas le Cnoc na Creige-Glaise. “Droch crìoch air an olc,” arsa Catriona, “bidh iad a steach air ar muin mu ’m faigh sinn na soithichean a thogail bhar a’ bhùird. Grad òlaibh an tì sin, teith ’s mar a tha i, feuch an cum i an t-uisge beatha fodha. Sgrìob a steach na h-eibhleagan sin, a bhean Dhomhuill, agus cuir fòd no dhà air an teine, ar neo chithear làrach màs na poit tì air a’ chagailte. Cha ’n ’eil mi ’tuigsinn idir cia mar a fhuair iad dhachaidh cho tràth so. Cha ’n urrainn gu ’n deachaidh iad air astar fada bhuain an fhraoich. A Mhòr, a thasgaidh, cho luath ’s a rinn thu riamh tog air falbh na soithichean bhar a’ bhùird comhladh riumsa. A nis na dean a’ bheag de ghlagadaich leotha. Thoir do cheart aire nach brist thu dad. Tha ’n cridhe air chrith agam leis an eagal gu ’n tig Lachlainn no an t-searbhanta thun an doruis mu ’m faigh sinn na soithichean a chur as an t-sealladh.” Am feadh ’s a bha Catriona ’s Mòr a’ togail nan soithichean bhar a’ bhùird, agus ’g an cur as an t-sealladh gun nigheadh gun ghlanadh, bha bean Dhomhuill Bhàin ’na suidhe ’s gun aon diog a’ tighinn as a ceann. Bha i air a clisgeadh roimh Lachlainn. Is minic a thug e groilleadh math càinidh dhi ann an clàr an aodainn. Bha fhios aige gu ’n robh i car bruidhneach, agus gur minic a thog i aimhreit eadar na coimhearsnaich, le bhith ’g innseadh naigheachdan gun bhun gun bharr dhaibh. Thuirt i as a guth tàimh, “Is fhurasda na soithichean a chur as an t-sealladh; ach cia mar a chuireas sinn fàileadh an uisge-beatha air falbh? Fairichidh an fheadhain a bha ’buain an fhraoich e cho luath ’s a thig iad thun an doruis.” “Nach fhìor dhut, a bhean Dhomhuill. B’ fhearr leam nach tàinig deur dheth riamh a steach air ar dorus. Bidh sinn air ar maslachadh air a shàillibh,” arsa Catriona. “Na cuireadh sin dragh sam bith oirbh,” arsa Mòr ’s i ’freagairt. “Leigibhse eadar mise is sin. Thoir thusa dhomhsa, a Chatriona, luideag bheag de sheann aodach, ar neo làn mo ghlaice dhe ’n chlòimh a th’ anns a’ chiorachan, a chuireas mi anns an teine, agus theid mi an urras nach fhairich duine sam bith a thig thun an taighe fàileadh an uisge-bheatha.” “Mo sheachd beannachd air do cheann, a Mhòr; is tu fhein a th’ ann fhathast. Is tu a bha gleusda riamh is roimhe. Thug mi an urram dhut thar na chunnaic mi riamh gus an car a thoirt as na fir. Tha feum againn ort an diugh co dhiubh,” arsa Catriona. “Nach e sin a thigeadh orra, a Chatriona? Nach cruaidh an gnothach mur urrainn dithis no triuir de bhana-choimhearsnaich mar a tha sinn fhein, cupan tì a ghabhail uair is uair comhladh gun na fir a bhith ’nar cuideachd?” arsa Mòr. “Tha thu ceart gu leòr, a Mhòr; cha ’n ’eil gnothach aig na fir a bhith gun dìobradh gun [TD 154] [Vol. 9. No. 20. p. 2] tionnaradh ann an cuideachd nam ban. Dunaigh air na fir a th’ ann.” Fhad ’s a bha ’n comhradh so eatorra, bha Catriona a’ cumail a sùil gu math dlùth air an uinneig feuch am faiceadh i Lachlainn a’ nochdadh am fianuis an taighe. Mu dheireadh thuirt i, “Tha Lachlainn a’ toirt nan sac bhar nan each aig a’ chruaich mhònadh. Ged a thigeadh e steach ’s a’ mhionaid, cha ’n fhaic ’s cha ’n fhairich e ni a bheireadh air amhrus a ghabhail gu ’n robh cuirm againn. Bhiodh a h-uile cuis ceart nan d’ fhuair sinn crioch a chur air a’ bhiadh air ar socair fhein, mar a bha duil againn.” “So, so, a Mhòr, biomaid a’ falbh mu ’n tig Lachlainn a steach.” “Gabhaibh am mach air an dorus an iar, agus cumaibh cho dlùth ’s is urrainn sibh ri gàradh na h-iodhlann gus an ruig sibh an sruthan, agus cha ’n fhaic e idir sibh. Cuimhnichibh nach toir sibh guth no iomradh ri duine beò air aon fhacal dhe na dh’ innis mise dhuibh mu dheibhinn a’ mhaoir. Is docha gu ’m bi am barrachd seanachais eadrainn mu ’n mhaor an ath uair a thig sibh.” An uair a dh’ fhalbh bean Sheumais agus bean Dhomhuill Bhàin, ghrad thòisich bean Lachlainn ri deasachadh na dinnearach. O ’n a bha fhios aice gu ’m bu ghlé thoigh le Lachlainn cupa math tì, agus rud math leis, ghrad chuir i uisge anns a’ phoit bhig gus an tì a dheanamh. Anns an àm bha Ceiteag anns a’ chùl-taigh ag itheadh a cuid dhe ’n chuirm a bh’ aig na mnathan. O ’n a b’ i an aon nighean, bha i ’faotainn tuilleadh ’s a’ chòir dhe toil fhein. Ghealladh dhi gu ’m faigheadh i a cuid dhe ’n chuirm, agus dh’ fheumadh i ’fhaighinn, ar neo chluinnteadh m’ a dheidhinn. Bha cluas fhosgailte aice an comhnuidh ris gach facal a chluinneadh i, agus bha i gu math deas gus gach ni a chitheadh agus a chluinneadh i ’innseadh. Thug so air a màthair iomadh uair a bhith ’gealltainn duais dhith air son a’ beul a chumail sàmhach Ach b’ fhearr dhi gu mòr a bhith ’g a smachdachadh an uair a rachadh i cearr. Cha robh, cha ’n ’eil, agus cha bhì rath air nigheanan òga a bhios ag innsearachd, agus a’ bruidhinn air a h-uile rud a chì ’sa chluinneas iad ’nan taighean fhein, agus ann an taighean dhaoin’ eile. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. BEDER, PRIONNSA PHERSIA. CAIB. X. Bha righ Saleh gle chorruch ’na inntinn, agus air a thamailteachadh gu mor an uair a chual’ e an fhreagairt a thug righ Shamanndail air; agus bha ’dhiol aige ri dheanamh casg a chur air a chorruich. Ach air a shon sin, fhreagair e gu ciuin, siobhalta, agus thuirt e: “Gu ’n tugadh Dia duais do bhur morachd a reir mar a tha sibh a’ toiltinn! Tha mi le urram ag innseadh dhuibh nach ann a dh’ iarraidh bhur nighinn gus mi fhin ’g a posadh a thainig mi idir. Agus ged a thiginn g’ a h-iarraidh anns an doigh so, an aite dhuibh fein ’s do bhur nighinn oilbheum a ghabhal air a shon, is ann bu choir dhuibh a mheas mar urram. Tha fhios aig bhur morachd gle mhath gur mise aon de righrean a’ chuain a cheart cho math ribh fein; gu ’m bheil an teaghlach o’n d’ thainig mi cho sean ri teaghlach rioghail sam bith eile; agus gu ’m bheil an rioghachd a tha fo m’ riaghladh a’ cheart cho cumhachdach ’s cho soirbheachail ’s a bha i riamh. Mur b’ e gu ’n do chuir bhur morachd stad orm, thuigeadh sibh ’s a’ mhionaid nach b’ ann dhomh fhein a tha mi ’g iarraidh bhur nighinn, ach do mhac mo pheathar, righ og Phersia. Tha lan fhios agaibh gur duine cumhachdach a th’ ann, agus gu ’m bheil a bhuadhan cuirp is inntinn anabarrach maiseach. Tha gach neach ag aideachadh gu ’m bheil a’ bhan-phrionnsa Guhara ’na boirionnach cho maiseach ’s a th’ air an t-saoghal; agus tha e cheart cho fior gu ’m bheil mac mo pheathar ’na dhuine cho eireachdail agus cho foghluimte anns gach doigh ri aon phrionnsa a tha air an talamh gu leir. Agus o ’n a tha ’m fabhar a tha mise ag iarraidh air thuar urram a chur air bhur morachd agus air bhur nighinn, cha bu choir dnuibh teagamh a bhith agaibh nach cord an cleamhnas a tha ’n teaghlach againne deonach a dheanamh ribh ris an t-sluagh a th’ ann an rioghachdan a’ chuain gu leir. Tha ’bhana-phrionnsa airidh air righ Phersia, agus tha righ Phersia a’ cheart cho airidh oirre-se. Tha e cho airidh oirre ri aon righ a th’ anns an t-saoghal.” Mur b’ e gu ’n robh righ Shamanndail air a lionadh le corruich mhoir, bha e air stad a chur an righ Saleh mu ’n d’ fhuair e crioch a chur air na bh’ aige ri radh; ach o ’n a bha e ann am mullach na feirge cha b’ urrainn e car uine aon fhacal a radh. Mu dheireadh labhair e mar a leanas ann am biathran a bha ro thaireil agus ro thamailteach, agus a bha gle mhi-iomchuidh dh’a leithid a labhairt: “A choin! An dana leat labhairt riumsa air an doigh sin? An dana leat iomradh a thoirt air ainm mo nighinn ’nam lathair? Am bheil thu ’smaointean gu’m bheil mac do pheathar Gulnara airidh air mo nighinn-sa? Co thu fhein? Co d’ athair? Co do phiuthar? Co mac do pheathar? An robh ’na athair ach an cu, mac a’ choin mar a tha thu fhein? A shaighdearan, beiribh air an truilleach mhi-mhodhail, agus thugaibh an ceann dheth.” Bha ’m beagan shaighdearan a thachair a bhith lathair a’ dol a thoirt umhlachd do dh’ aithne an righ; ach o ’n a bha righ Saleh ’na dhuine og luath, laidir, thug e e-fhein as mu ’n do tharr na saighdearan an claidhnean a tharruinn. Agus an uair a rainig e geata na luchairt, thachair mile fear dhe ’luchd-daimh ’s dhe ’chairdean ris fo ’n lan armaibh, agus iad direach air tighinn do ’n bhaile. Bha fhios aig a mhathair nach d’ fhalbh ’na chuideachd ach ro bheagan dhaoine, agus a bharrachd air sin, bha amhrus laidir aice gur e droch coinneamh a gheibheadh e o righ Shamanndail. Air an aobhar sin chuir i am mile saighdear air falbh gus a dhion o gach cunnart, agus dh’ ordaich i dhaibh cabhag mhath a dheanamh. Bha na saighdearan ro thoilichte a chionn gu ’n d’ rainig iad ann an am cho freagarrach, agus an uaìr a chunnaic iad an righ agus am beagan dhaoine a bha ’na chuideachd a’ tighinn ’nan cruaidh leum far an robh iad, agus luchd-torachd gu math dluth air an sail, ghlaodh iad, “Mo thighearna, ciod a tha cearr? Tha sinne deas gu dioghaltas a dheanamh air do shon: cha ’n ’eil agad ach ordugh a thoirt dhuinn.” Thug righ Saleh dhaibh gearr-chunntas air mar a thachair dha. Agus an uair a ghabh e ceannardachd an airm, dh’ ordaich e do chuid dhiubh na geatachan a ghleidheadh, agus chaidh e fhein do ’n luchairt leis a’ chuid eile.” Chuir e ’n teicheadh air na saighdearan a fhuair ordugh a ghlacadh, agus chaidh e steach do sheomar an righ. O ’n a bha ’n righ leis fhein anns an t-seomar ghlacadh anns a’ mhionaid e. An deigh dha an righ a ghlacadh, agus ’fhagail aig buidhinn bhig dhe na saighdearan, chaidh e-fhein o sheomar gu seomar an duil gu ’m faigheadh e greim air Guhara. Ach cha bu luaithe chual’ ise a ghaoir-chatha ’bh’ anns an luchairt na leum i-fhein agus na mnathan-coimhideachd as a’ chuan, agus chaidh iad air tir ann an eilean fasail. Am feadh ’s a bha na nithean so a’ dol air aghart ann an luchairt righ Shamanndail, thug an fheadhainn a theich an toiseach roimh bhagradh an righ fios do ’n bhanrigh, mathair Shaleh, air mar a thachair, agus bha i air a clisgeadh gu ’n cuirteadh a mac gu bas. Bha Beder anns an eisdeachd, agus chuir an sgeul dragh gle mhor air an inntinn aige, o ’n a bha fhios aige gu ’m b’ e fhein bu mhathair-aobhair do gach olc a thachair, agus a bha air thuar tachairt. Air an aobhar sin, o ’n a bha e coma fuireach na b’ fhaide ann an cuideachd a sheanamhar, leum e air falbh a grunnd a’ chuain, an uair a bha ise ’toirt ordugh seachad mu dheidhinn ciod bu choir a dheanamh. O nach robh fhios aige cia mar a rachadh e air ais do Phersia, thachair dha stad air a’ cheart eilean anns an robh Guhara. Shuidh Beder, agus e gle throm-inntinneach, fo sgaile craoibhe moire. An uair a bha e ’na shuidhe mar so, agus e ’dol fo ’smaointean, chual’ e neach eiginn a’ bruidhinn astar air falbh, ach cha robh an guth a chual’ e cho dluth dha ’s gu ’n tuigeadh e ciod a bh’ air a radh. Dh’ eirich e as an aite ’san robh e ’na shuidhe, agus choisich e air a shocair fhein a dh’ ionnsuidh an aite anns an cual’ e fuaim na bruidhne. Ann am measg nan geug chunnaic e an aona bhoirionnach bu bhriagha a chunnaic e riamh. Sheas e far an robh e, agus bheachdaich e oirre le mor aire. Thuirt e ris fhein, “Gun teagamh sam bith feumaidh gur i so bana-phrionnsa Guhara. B’ fheudar dhi leis an eagal teicheadh a luchairt a h-athar. No, mur i Guhara ’tha ’n so, tha i cho airidh air mo ghaol-sa ri Guhara fhein.” An uair a thuirt e so, chaidh e far an robh i, agus le mor-umhlachd thuirt e rithe, “A bhain-tighearna, cha ’n urrainn domh a bhith taingeil gu leor do ’n Fhreasdal air son an fhabhair a rinn e dhomh an uair a fhuair mi sealladh an diugh air boirionnach cho briagha riut. Cha b’ urrainn sonas bu mho a bhith agam na ’n cothrom so fhaighinn air mo sheirbhis a thairgseadh dhut. Tha mi ’guidhe ort, air an aobhar sin, a bhain-tighearna, gu ’n gabh thu an tairgse so uam, o ’n a bhios feum aig mnaoi uasail mar a tha thusa air cuideachadh anns an aite aonaranach so.” “Tha sin fior gu leor, mo thighearna” arsa Guhara le guth muladach. “Is e aobhar neo-ghnathach a chuir bean uasal dhe mo sheorsa-sa anns an t-suidheachadh so. Is bana-phrionnsa mi, nighean righ Shamanndail, agus is e m’ ainm Guhara. Bha mi gu socair seimh nam sheomar fhein ann an luchairt m’ athar, an uair a ghrad chuala mi fuaim eagallach. Gun dail thugadh fios dhomh gu ’n d’ thainig righ Saleh, gun fhios c’ar son, le foirneart do ’n luchairt, agus, an deigh dha m’ athair a chur an sas, gu ’n do mharbh e a h-uile saighdear nach do gheill dha. Cha robh ach gann de dh’ uine agam fhin na theich air falbh le mo bheatha.” An uair a chuala Beder na briathran so bha aithreachas gu leor air a chionn nach d’ fhan e comhladh ri ’sheanamhair gus an d’ fhuair e lan-fhios air an sgeul a thugadh g’a h-ionnsuidh. Ach air an laimh eile bha aoibhneas gu leor air gu ’n do chuir brathair a mhathar righ Shamanndail ann an sas; oir bha e ’creidsinn gu ’n aontaicheadh e a nighean a thoirt seachad ann an éiric a shaorsa fhein. “A bana-phrionnsa ghradhach,” ars’ esan, “tha e nadarra gu leor dhut a bhith fo churam mu dheidhinn d’ athar, ach tha e fursada gu leor saorsa thoirt araon dhut fhein agus do d’ athair. Aontaichidh tu leis a so an uair a dh’ innseas mise dhut gur mi [TD 155] [Vol. 9. No. 20. p. 3] fhin Beder, righ Phersia, agus gur e righ Saleh brathair mo mhathar. Tha mise ag innseadh dhut le cinnt, a bhaintighearna, nach ’eil a run air greim a dheanamh air rioghachd d’ athar. Cha ’n ’eil ’na bheachd ach thusa fhaighinn dhomhsa ri do phosadh. An uair a chuala mi iomradh air a’ mhaise agus air an tlachd a th’ annad, thuit mi ann an gaol ort. Agus cha ’n ’eil aithreachas sam bith orm air son mar a rinn mi. Agus tha mi ’guidh’ ort gu ’m gabh thu mi. Faodaidh tu bhith cinnteach gu ’m bi gaol mor agam ort fhad ’s is beo mi. Tha mi ’toirt orm fhin a chreidsinn nach diult thu ’n tairgse ’tha mi ’cur mu d’ choinneamh, ach gu ’m bi thu toileach aideachadh gu ’m bheil righ a dh’ fhalbh as a rioghachd fhein air do shon, airidh air deadh ghean fhaotainn uat. Thoir dhomh, ma ta, de dh’ urram, a bhana-phrionnsa mhaiseach, do thoirt an lathair an righ, brathair mo mhathar; agus cha luaithe a dh’ aontaicheas d’ athair gu ’m faigh mi thu ri d’ phosadh na bheir righ Saleh cead dha bhith ’riaghladh ’na rioghachd mar a bha e roimhe.” (Ri leantuinn.) Saobh-chrabhadh anns na h-Innsibh. Cha ’n fhaicear fo ’n ghréin tìr a’s òirdheirce air iomadh dòigh na Innsean na h-Aird an Ear; gidheadh, cha ’n ’eil tìr eile ann, ma dh’ fhaoidte, far am bheil nithean ’g an deanamh a tha nochdadh truaillidheachd naduir an duine air mhodh a’s soilleire, agus far am bheil nithean ’g an deanamh do ’m bu chòir toirt air na h-uile dhaoine a chunnaic na nithean so, no a chual’ iomradh orra, an uile dhìchioll a dheanamh a chum cur as do ’n t-saobh-chràbhadh so leis am bheil na h-Innseanaich air an cur air seachran. Tha ’n dùthaich fein maiseach gun teagamh. Tha gach ni, mar gu ’m b’ ann, ag oibreachadh le chéile, a chum gach sòlas agus toilinntinn a bhuileachadh air an luchd-àiteachaidh. Tha gach ni a’ cur an ceill glòir an Ti bheannaichte a tha ’riaghladh os an cionn, agus a’ toirt gu cuimhne, ann an seadh dealbh-choslais, an ionaid sin far an do ghluais ar ceud sinnseara gun truaillidheachd ann am Parras. Ach mo thruaighe! anns a’ cheart tìr sin air an do bhuilich an Ti a’s airde iomadh buaidh urramach, tha nithean cianail ’g an cur an gniomh air an latha ’n diugh. Anns an tìr àluinn so, tha clann air an co-éigneachadh gu bhith ’faicinn am pàrantan fein, agus pàrantan gu bhith ’faicinn an cloinne fein, a’ dol gu muladach gu bàs. Tha so a’ tachairt, cha ’n ann a chionn nach ’eil lòn gu leòr anns an tìr, ach a chionn gu ’m bheil an sluagh air am buaireadh, agus air an co-éigneachadh le saobh-chreideamh gus am bàs fhaotainn le lamhaibh aoin a cheile. Faicibh an comhlan cianail sluaigh ud a’ deanamh cabhaig fo ghathannaibh teithe na gréine, gu taobh an t-sruth naomh, agus a’ deanamh grad-sheasamh air a bhruaich. Ach faicibh ciod a tha iad a’ giulan air an guaillibh a chum an ionaid far am bheil iad a’ seasamh ri taobh na h-aimhne. So agaibh mic agus nigheanan, gu cràbhach a’ tarruinn air an aghart an athar, no am màthar fein, a bhuaileadh le tinneas, a chum gu ’m bi iad air an tilgeadh mar so le an sliochd fein do ’n doimhneachd mhòir uisge a tha air am beulaobh, far am bi iad gu h-ealamh air am bàthadh air son leas an anama. Grad giulainidh an sruth sios iad far an ithear iad le eunlaith an adhair, agus le uile-bheistibh nan uisgeachan! Tha so cho mi-nàdarra, agus cho oillteil ’s nach ’eil idir cumhachd aig briathraibh an gniomh eagalach a chur an ceill. Tha mòran de chleachdaidhean gràineil mar so air an cur an gniomh ann an ainm nan diathan do ’m bheil iad a’ deanamh aoraidh. Ach buidheachas do Dhia a tha ’riaghladh os cionn nan uile, tha gach cleachdadh aingidh dhiubh so air a chur as anns gach cearn de na h-Innsibh a bhuineas do rioghachd Bhreatuinn. Ach cha ’n ’eil na reachdan uamhasach a dhealbh iad air an cur air chùl fhathast; ni mò a tha ’n spiorad a thàrmaich iad air a smàladh as. Nam biodh gàirdean treun na cumhachd Bhreatunnaich air a tharruinn air ais an diugh, bhiodh air an latha màireach gach aon de na seana chleachdaidhean air an cur air an cois. Far nach ’eil ughdarras na rioghachd so a’ riaghladh, tha gach saobh chreideamh air a ghnàthachadh mar o shean. Saoilidh sinn nach bu chomasach do chuilbheartan na h-ifrinn fein a dhol na ’s fhaide an aghaidh aitheantan agus iarrtuis soisgeil an Tighearna Iosa Criosd. Ach anns na criochaibh iomallach sin far am bheil gach dichioll ’ga dheanamh leis na h-Eaglaisean a chum teagasgan an t-Soisgeil a chraobh-sgaoileadh, tha cleachdadh eile a cheart cho déistinneach, gràineil, ris na nithean a dh’ ainmicheadh cheana. Tha e air a dheanamh am mach gu ’n do chuireadh, o laithibh Chriosd air an talamh, corr is ochd ceud deug mìle leanabh nighinn gu bas le am màthraichibh fein! O, nach eagalach da rìreadh an saobh-chrabhadh sin trid am bheil moirt cho uamhasach ’g an deanamh le màthraichibh air an cuid cloinne fein, an dùil, le sin gu ’m bheil iad a cosnadh deadh-ghean an diathan fein! Tha na màthraichean so a’ deaamh am mach, gu ’m bheil a’ chlann-nighean a’ toirt gach tubaist agus mi-shealbh a steach do na teaghlaichean aca; agus, uime sin, gur e an dleasdanas d’ an diathaibh, agus dhaibh fein, na leanaba sin a ghearradh as. Gu cinnteach is e so ro mheud gach cumhachd agus buaidh a fhuair Satan thairis air a’ chreutair bhochd, thruagh sin a chaill iomhaigh Dhe, agus a thuit a dh’ ionnsuidh staid tiugh-dhorchadais. Toradh Iomchuidh an Aithreachais. Eisdibh ris a’ chosamhlachd a leanas:—Thachair dhomh a bhith air chuairt ann an àite dùthchadh a bha anabarrach briagha. Gu math moch air madainn chiùin shamhraidh, chaidh mi sgrìob air falbh o ’n taigh anns an robh mi ’fuireach, gus mi fhein ùrachadh ’s a neartachadh leis gach ni tlachdmhor a bha ri ’m faicinn ’s ri ’n cluinntinn anns an àite. Bha ’n sealladh a bha mi ’faicinn, ceum air cheum mar a bha mi ’dol air aghart, anabarrach taitneach. Bha na h-achaidhean còmhdaichte le dlùth-fheur gorm, agus le ditheanan dhe gach dath is meudachd; bha gach craobh làn duillich; bha na h-eòin a’ ceileireadh gu binn am measg nan geug ’s air bharraibh nam preas. Thachair ubhall-ghort rium, agus chaidh mi steach ann. Bha na craobhan maiseach ri ’m faicinn, agus bha coltas gu ’m biodh toradh trom orra Bha ’n sealladh a bha thimchioll orm anabarrach taitneach. Choisich mi air aghart gus an d’ ràinig mi craobh air nach robh aon chuid blàth no toradh. Ghabh mi a leithid de dh’ ioghnadh ’s gu ’n do sheas mi far an robh mi. Thuirt mi rium fhein, “A craobh bhochd, mharbh, ciod e tha thusa deanamh an so? Is iongantach nach d’ thugadh air falbh a so thu roimhe so.” Ghabh mi ioghnadh gu leòr an uair a fhreagair a’ chraobh mi mar so, le guth feargach, “Oh, seadh gu dearbh, a dhuine; seadh gu dearbh! Gun teagamh sam bith tha thu ’smaointean gu bheil thu fhein glic, mòran na’s glice na bha na daoine o’n d’ thàinig tu. Tha thu ’smaointean gu ’m bheil mòran eòlais agad; ach tha thu mearachdach. Cha ’n ’eil mise aon chuid bochd, no marbh.” “Cha ’n ’eil duilleach no toradh ort, agus cha chreid mi gu ’m bheil sùgh annad,” arsa mise. Fhreagair a’ chraobh, agus thuirt i, “Is iongantach leam gu ’m bheil thu cho aineolach ’s a tha thu. Cha ’n ’eil gnothach aig na nithean a tha thu ’g ainmeachadh ri mo bheatha-sa idir. Tha chùis coltach gu ’m bheil thu an an-fhios gu ’n d’ thàinig Slanuighear mòr chraobhan an nuas an so, agus gu ’n do chreid mise an deadh sgeul a thug e dhuinn, agus gu ’m bheil mi air mo shaoradh tre ghràs. Ghabh mi an t-slàinte mar shaor-thiodhlac, agus, ged nach ’eil aon chuid duilleach no toradh ri fhaicinn orm, gidheadh tha mi beò, slàn, fallain.” Sheall mi le mòr-thruas air a’ chraoibh, agus thuirt mi, “Tha thu gu mòr air do mhealladh; cha ’n ’eil thu air do thearnadh idir. Tha thu marbh, agus gun fheum sam bith, a dh’ aindeoin na their thu mu ghràs, agus mu shaorsa. An uair a thig mi, agus a chi mi duilleach is toradh ort, an sin their mi, ‘Tha ’chraohh bhochd ud air a tearnadh mu dheireanh; ghabh i ris an t-soisgeul, agus shaoradh i tré ghràs.’” An uair a thionndaidh mi air falbh, chuala mi i ag radh, Cha ’n ’eil thusa fallain ’s ’a chreideamh; cha ’n ’eil thu tuigsinn an t-soisgeil.” Tha ’m beachd a bh’ aig a’ chraoibh so aig mòran dhaoine ’nar measg.—O’n Bheurla. An Fheannag a’ Teagasg a’ Ghorrachdain. Thòisich an fheannag air teagasg a’ ghorrachdain ’s thuirt i ris, “Ma chi thu fear a tighinn agus stichd chaol ’na asgaill agus ceann leathann oirre, teich; ’se gunna bhios ann; bidh e dol ga d’ mharbhadh. Ma chi thu fear a tighinn agus e togail dòirneig, ’s ann ’ga togail a dhol ga d’ mharbhadh-sa bhitheas e; teich. Ma chi thu fear a tighinn lom, direach, ’s gun ni sam bith ’na asgaill, ’s gun e cromadh, cha ruig thu leas carachadh; cha bhoin am fear sin duit. “Gu de,” ars an gorrachdan, “ma bhios a’ chlach ’na phòca?” “O,” ars’ an fheannag, cha ruig mise leas a bhi ga d’ ionnsachadh na ’s fhaide.” Ann an cearn àraidh chaidh cnapach de ghille a chur dh’ an sgoil, ’si air ùr-fhosgladh toiseach a gheamhraidh. Bha e fad an t-samhraidh ag iasgach, agus bha e làn ionnsaichte anns an obair sin, ach cha robh eòlas sam bith aig air na litrichean. Sheall a bhan-sgoilear an litir ‘A’ dha, agus dh’ fhaoighneachd i dheth gu de ’n litir a bha ’n siud. Cha robh e ’ga h-aithneachadh idir. “Sin agad ‘A,’” ars a bhan-sgoilear. “Cia mar a tha fhios agad?” ars an gille. “Dh’ innis mo cheud mhaighstir-sgoile dhomh,” ars a bhan-sgoilear. “Agus cia mar a bha fhios aige-san?” ars an gille. “O,” ars a bhan-sgoilear, “tha mi cinnteach gu’n do dh’ innis maighstir-sgoil eile dha.” “Seadh, gu dearbh,” ars an gille, “’s cia mar a tha fhios agadsa nach robh iad le cheile ag innse nam breug?” Ann am blàr beag a chuireadh ann an Africa mu Dheas eadar na Breatunnaich ’s na Boerich, chaidh an t-each aig fear de na Boerich a thilgeadh, ’s thuit e marbh fodha. Chunnaic e each a bhuineadh do ’n arm Bhreatunnach a criomadh an fheòir faisg air; rug e air, chaidh e air a mhuin, agus bha e ’ga mharcachd air falbh nuair a chunnaic fear de na gillean-dùdaich e. Sheinn an gille sin air an dùdaich an t-òrdugh tillidh; thuig an t-each an t-òrdugh, agus air ball chuir e mu’n cuairt agus a dh aindeoin na b’ urrainn am fear a bha air a mhuin a dheanamh gus a chumail air ais, chaidh e ’na dheann-ruith do champa nam Breatunnach, far an d’ rinneadh priosanach dhe ’n Bhoereach. [TD 156] [Vol. 9. No. 20. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear ga luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan fein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sain bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh. agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, NOBHEMBER 10, 1900. Ann an taghadh na pàrlamaid ann an Newfoundland, fhuair an riaghladh buaidh mhor air Mr. Reid. Chaidh a dha dheug air fhichead a thaghadh air taobh an riaghlaidh agus ceathrar air an taobh eile. Tha Mr. Bond, am priomhair, agus a phairtidh mar sin na ’s làidire na bha iad roimhe. Tha e coltach nach eil Mr. Reid gle mheasail air an eilean, oir cha robh ach soirbheachadh gle bheag air an t saothair chruaidh a rinn e air son an riaghladh a chur á dreuchd. Ann an Victoria, an Australia, ’se Gàidheal d’ an ainm Ailean Mac-Gilleain a tha ’na Phriomhair, agus is mac bràthar e do ’n Urr. Ailean Mac-Gilleain, nach maireann, a bha fad àireamh mhor de bhliadhnaichean ’na shagart paraiste ann an Siudaig. Bha eòlas farsuing agus meas mòr air “Maighstir Ailean” ann an siorrachd Inbhirnis, agus bidh moran toilichte chluinntinn gu bheil mac a bhràthar air tighinn gu inbhe cho àrd. Tha mac do ’n Phriomhair Mac-Gilleain anns an reiseamaid a chuir Australia do chogadh an Transbhaal. CLUINNEAR o àm gu àm fàidheadaireachd air a deanamh a thaobh na Gàilig, nach fhada ’n ùine gus an sguirear a bhi ’ga labhairt ’s am bi i ’na sineadh fuar gun deò am measg nan “cànainean marbha.” Tha ’n fhàidheadaireachd so gle shean; chaidh a deanamh an toiseach ’nuair a ghabh Calum Ceann-mor, righ na h-Alba, da ionnsuidh féin ban-Sasunnaich mar mhnaoi ’s mar bhan-righ, agus a thòisich ise air a Bheurla thoirt a stigh mar chainnt na cùirte rioghail. Is ann aig an àm sin a thòisich na daoine glice air a ràdh gu robh a Ghàilig a dol bàs, agus nach b’ fhada chluinnteadh a fuaim air an t-saoghal idir. Tha dlùth air naodh ceud bliadhna air a dhol seachad o’n uair sin, ach lean an fhàidheadaireachd so an cois na Gàilig fad nam bliadhnaichean sin, agus cluinnear daoine ’ga h-aithris air an latha ’n diugh mar nach rachadh a h-aithris riamh roimhe. Tha i air a h-aithris cho tric ’s gu bheil moran eadhon de na Gàidheil ga ’creidsinn, agus ag radh, “Ciod am feum dhuinn a bhi feuchainn ri bhi ’cumail suas cainnt a tha ’dol bàs co-dhiu, ’sa bhios marbh an ceann beagan bhliadhnaichean?” Cha ’n ’eil teagamh nach gabh iadsan a tha ’g radh mar sin iongantas gu leòr ’nuair a leughas iad barail an Spectator, aon de na paipearan a’s fiosraiche ’s a’s fhearr breathnachadh a tha ann an Sasunn. Tha neach eigin a’ sgriobhadh anns a’ phaipeir sin mar a leanas:—“Le ceartas agus aire mhath a thoirt dhi, tha e reusanta gu leòr a bhi creidsinn gu mair a’ Ghàilig ’nar measg mar chànain beò. Tha i aig an àm so air a h-ionnsachadh ’s ’s air a foghlum le uaislean na h-Alba, agus le muinntir eile aig nach robh an toiseach ach Beurla; tha i air a teagasg anns na sgoiltean mar nach robh i riamh roimhe, agus tha duine aig am bheil eòlas oirre an diugh air a mheas foghluimte an àite bhi air a mheas aineolach mar a dheante bliadhnaichean roimhe so.” Tha an sgriobhadair ceudna ag radh “gu robh a Ghàilig na cànain ionnsaichte ’nuair nach robh a Bheurla air a labhairt ach le fineachan fiadhaich aig nach robh eòlas no foghlum gam bith; agus gu ’m bu chòir cothrom na b’ fhearr na tha i faotainn a thoirt do chànain aosda nan Gàidheal.” Tha na cumhachdan aonaichte a’ cordadh gu math nam measg féin a thaobh ciod is còir a dheanamh ann an Sina. ’S i Ruisia is mo a tha cur de mhaille orra. A reir na their iad tha na Ruiseanaich cho deònach air ceartas a dheanamh agus air sith aiseag do’n dùthaich ’sa tha muinntir nam rioghachdan éile, ach tha iad aig a cheart am ag obair os iseal air son an greim fhein air an dùthaich a neartachadh ’sa dhaingneachadh. Tha Manchuria aca cheana gun teagamh sam bith, agus bu mhath leotha barrachd air sin fhaotainn. Tha Breatunn ’sa Ghearmailt an deigh tighinn gu còrdadh gu’n dean iad na’s urrainn iad a chum Sina a chumail slàn mar a tha i, agus a puirt a bhi fosgailte do mhalairt an t-saoghail uile; agus ni sin grabadh beag no mor a chur air na Ruiseanaich. A thaobh nan Sineach féin, tha an teaghlach rioghail fhathast air falbh á Pekin, far nach ruig na h-Eòrpaich orra, agus mar sin tha e doirbh gnothach a dheanamh riutha. Dh’ aontaich Li Hung Chang, os leth nan Sineach, ris gach ni a dh’ iarr na teachdairean Eòrpach, ach a mhàin ri di-cheannadh nan daoine bha coireach ris a cheannairc, ri cur na ban-impire á dreuchd, agus ri Prionnsa Tuan a chur gu bàs. Tha Li Hung Chang a’ faicinn cho mi-chordte ’sa bha na h-Eòrpaich roimhe so ’nam measg féin, agus tha e ’gabhail a chothroim sin orra. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 157] [Vol. 9. No. 20. p. 5] NAIGHEACHDAN. Mharbhadh fear do ’m b’ ainm Fred Linch ann an Louisburg Dior-daoin s’a chaidh. Bha e ’g obair air a charbad-iaruinn air laimhrig cuideachd a ghuail ’nuair a thuit e fo na cuidhlichean agus bha e air a mharbhadh air ball. Bhuineadh e do Louisburg, agus bha e fichead bliadhna ’dh’ aois. Bidh mèinnean guail Cheap Breatunn air a gheamhradh so air an obrachadh na ’s cruaidhe na bha iad geamhradh riamh roimhe. Cha ’n urrainn d’ an chuideachd uiread guail a chur am mach ’sa thatar ag iarraidh. Air an t-samhradh s’a tighinn tha dùil aca gu ’n cuir iad feum air coig ceud air fhichead duine bharrachd air na th’ aca aig an àm so. Tha Cruger a nise dlùthachadh air an Roinn-Eorpa. Bha an soitheach air am bheil e aig Suez Di-ciaduin, agus as a sin sheol i gu Marseilles ’san Fhraing, àite thatar an dùil a ruigeas i Di-luain s’a tighinn. Tha fàilt agus furan ri bhi air air a chur air leis na Frangaich, sluagh a ghabhas gach cothrom a gheibh iad air ni sam bith a dheanamh a shaoileas iad a chuireas fearg no dorran air Breatunn. Ach tha Breatunn foighidneach, làn fhiosrach air nàdar nam Frangach, agus leigidh i leotha gach othail a thogras iad a dheanamh ri Cruger. Chaidh fear Alasdair Mac-Gillebhràth, a mhuinntir Big Marsh, a mharbhadh ann an Antigonish Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, le carbad a ruith thairis air. Bha e air tigh’nn a mach as an talla ’s an robh e ’g éisdeachd òraidean latha ’n ainmeachaidh, nuair a thainig an carbad air gun fhios d’a. Bha cnaimh a dhroma air a bhristeadh agus dh’ fhuiluig e cràdh mor gus ’n do chaochail e maduinn an ath latha. Bha e 47 bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us triùir chloinne comhla ri phàrantan aosda aig nach robh fear-taice ach e-fhéin. Tha mèinnean guail Phennsylvania a nise air an obrachadh mar a bha iad roimhe. Fhuair an luchd-obrach na bha iad ag iarraidh, ach tha luchd-seilbh nam meinnean a’ dol a thoirt na tha iad a’ call air na daoine á pòcaidean an luchd-ceannaich. ’Nuair a bha na daoine a’ seasamh a mach ’s nach robh na mèinnean air an obrachadh, dh’eirich pris a ghuail. Ach ’nuair a chaidh na daoine air ais a dh’ obair, an àite pris a ghuail isleachadh, ’s ann a chaidh a thogail leth dolair eile an tunna. Tha mar sin an gual cruaidh na’s àirde ann am pris na bha e ach gann riamh roimhe. Chaill an Dotair Landerkin, air an d’thug ar caraid a bhios a sgriobhadh ugainn á Priceville, Ontario, latha ’n taghaidh, agus feumaidh a’ phàrlamaid deanamh as aonais re nan coig bliadhna s’a tighinn. Bidh e air ionndrain gu mor, e-fhéin us Neacal F. Davin á Regina, ’san Iar-Thuath, a tha air a thaghadh “gu fuireach aig an tigh” cuideachd. B’iad so an dithis bu spòrsaile ’sa b’ àbhachdaiche ’san tigh uile, agus bu tric a thug iad air luchd nan argumaidean seasamh a thaobh ’sa thug iad dhaibhsan a bha ’n teas na comhstri cothrom air am fearg a thraoghadh. Is e liberal a th’ ann an Landerkin, agus conservative ann am “Bard Regina.” Tha sinn aig an àm so a’ cur chùnntas g’ an ionnsuidh-san a tha air deireadh ann am pàigheadh a phaipear. Cuiridh iad sin comain oirnn leis an t-suim a tha ’nan aghaidh a chur ugainn gun dàil, oir tha sinn fo chosguis mhor agus gle fheumach air an airgead. Bha tairneanaich us dealanaich ann oidhche Di-haoine s’a chaidh, ni nach fhaicear anns an dùthaich so ach gle ainneamh cho anamoch ’sa bhliadhna. Bha na dealanaich anabarrach tiugh agus boisgeil. Bha an sabhal aig Eoseph Rudderham, aig North West Arm, air a bhualadh ’s air a losgadh gu làr; bha am bàrr ’s na h-innealan tuathanachais a bha ann air an call gu h-iomlan. Chuir dithis dhaoine anns a bhaile so, Padruig Mac Gill-fhinnein agus Richard Smith geall mu thaghadh luchd na parlamaid—deich dolair fhichead agus cuidhleadh ann am bara-roth o oifis a Phosta dh’ ionnsuidh an Acadia House. Chaill Padruig, agus Di-haoine s’a chaidh, chuidhl e am fear eile air carbad corrach an aona roth am fianuis an t-sluaigh gu leir. Bha dearrsach mhor uisge sileadh, agus ma bha iad ri ’n gabhail air an coltas nuair a rainig iad an ceann-uidhe, cha tig an latha chuireas fear seach fear dhiubh an geall ceudna rithist. Rinneadh long-bhristeadh agus bàthadh muladach anns a Bhay of Funday faisg air Yarmouth Di-satharna s’a chaidh. Bha an soitheach-smùide “Monticello” air a cur dh’ an ghrunnd, agus bha sia deug air fhichead air am bàthadh, naodh air fhichead de sgioba ’n t-soithich, agus seachdnar a bha gabhail an turuis oirre. Bha stoirm mhor ann aig an àm, dh’ fhàs an soitheach ao-dionach, agus dh’fhairtlich orra a toirt gu port, agus chaidh i fodha mu fhad urchair gunna o’n chladach. Chuireadh am mach bàtaichean, ach cha d’ rainig tir ach aon fhear, agus ’se ceathrar dhe na bh’ann a fhuair gu tir beò. B’e so call cho muladach ’sa rinneadh mu chladaichean Nova Scotia o chionn iomadh bliadhna. Tha Sir Tearlach Tupper a’ cur roimhe nach teid e do ’n phàrlamaid tuilleadh. Thairg àireamh de ’luchd-leanmhuinn a fhuair a stigh air an turus so an àiteachan fhàgail air a shon, ach cha ghabhadh e an tairgse sin, oir tha e air son na tha roimhe dhe bheatha a chur seachad a leigeil dheth sgiths nam bliadhnaichean a bha lamh aige an cùisean-riaghlaidh na dùthcha. Tha ceithir fichead bliadhna ’sa coig o’n chaidh a chur an toiseach do phàrlamaid Nobha Scotia. Re na h ùine sin cha do chaill e aig aon taghadh gus an turus so, agus bha e a chuid mhor dhe’n ùine sin ann an dreuchdan riaghlaidh. Tha e ’na cheist air a phairtidh a nise co a chuireas iad ’na àite mar cheannard. Tha cuid ag radh gu ’m bi Mr. Borden á Halifacs air a chur ’na àite, ach ’se ’s dòcha gu ’n deanar roghainn de Dheorsa E. Foster no de Uilleam F. Mac-Gilleain á Toronto. Tha Foster us Mac-Gilleain ’nan “seann eòlaich” anns an tigh, ’s cha ’n eil ann am Borden ach duin’ ùr, agus ged tha Foster gun àite-suidhe, theid aige air faotainn a stigh an Toronto, far an dean aon de ’chàirdean àite dha. Stor nan Sutharlanach an stor a’s fhearr an Sidni air son Caiseart agus Aodaich. Gheibh thu do chomhdach o bhonn do choise gu mullach do chinn airson $7.20. Nach anabarrach an cunnradh sin—DEISE IOMLAN, AODACH IOCHDAIR, LEINE GHEAL, COILEIR, NECKTIE, AD, LAMHANNAN. SOCSAICHEAN US BROGAN, air $7.20. Cha’n fhaigh thu luach airgeid cho mor ann an stor sam bith eile an Ceap Breatunn. Thig agus faic air do shon fhein. DI-LUAIN, DI-MAIRT, ’s DI-CIADUIN s’a tighinn reicidh sinn 60 PAIDHIR de brogan fhear, “BUFF BALS, standard screw,” LEATHAR UILE, air $1.15. Bha a’ cheart sheorsa creic roimhe so air $1.40. H. H. Sutherland & Co. An Stor Thormaid Dhomhnullaich. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 158] [Vol. 9. No. 20. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XX. TIGHINN DHIUC UILLEAM DO DH-ALBA. Air an latha anns an d’ ràinig sgeu la mar chaidh do Sheanalair Hawley ann am blàr Sliabh na h-Eaglaise Lunnainn, bha cùirt Righ Sheòras crunn anns a mhùr Rioghail, ri fleaghachas agus ri sùgradh, agus air do ’n litir a thug naigheachd a bhlàir a Alba ’bhi air a leughadh ann an éisdeachd nam maithean, chaochail a mheoghail ghreadhnach rìoghail gu bròn, agus dh’ atharaich gach gnùis an tala na feile cruth, ach aogais Shir Iain Chope agus Iarla Stair. Mheas a chùirt a nis’ iomchaidh gu’m b’ fheumail an Seanalair cogaidh a b’ ainmeile agus a b’ fhòghluimte ann am feachd an Rìgh a chuir an aghaidh nan naimhdean, agus be sin Diùc Uilleam, mac an Righ féin a lean na Gàeil an uair a bha iad ann an Sasunn cho fad air aghaidh ri Carlisle. Cha do chaill an Diùc a bheag do dh’ ùin’ gun òrdugh athar a fhreagairt agus ràinig e Dunéideann, an ceann cheithir latha an deighe dha Lunnainn fhàgail. Bha Diùc Uilleam m’ an aon aois ri Tearlach féin, ma chùig bliadhna fichead, ach cha robh e na mhacan-maise cho dealbhach ri Tearlach, bha e anabarrach bronnach agus dùmhail, a ghnàs agus a chòmhradh garbh agus mi-thaitneach, agus a bhrì nach dù do dh’ Albannach sam bith a chliù a chur an céill gun chlaonbhreth, faodaidh e bhi cho iomchaidh an alla fhuair e bho fhear dùthcha fein Morair Mathon a chuir sios an so:— “Bha e na dhuine ris an robh iomadh subhailc fuaighte, onarach na rùn, a cumail ri ghealladh, dàimheil ri chàirdean, na mhac dleiseil, mar shaighdear deigheil air a bhi air feachd, agus air dòighean an àirm fhòghlum, agus mar fhear stiùraidh airm dh’ fhaoite mholadh ’san linn anns an robh Sasuinn fad air dheireadh ann an seòltachd cogaidh. Choisneadh a leanmhuinn gun sgìos agus a misneach cliù dha aig àm sam bith mar shaighdear, ach bha bhreathanas fo smachd aig a nadur brais a bha mar bu trice droch-mhuinte agus do-cheannsaichte. An aghaidh a nàimhdean ann an rioghachdan céin, cha do gnàthaich e cainnt gharbh sam bith; agus do chuid saighdearan nochdadh e air uairean iochd. Cho luath sa ràinig e Dunéidean ghnàthaich e na doighean ceusaidh cruaidh-chridheach a bh’ aig Hawley agus bu tric a ghearan a’ chuid saighdearan féin air e bhi na dhaormunn gu ’n iochd: agus air son “reubaltach” a thachradh ris ghnàthaicheadh se e le cho beag troc air sa ghnàthaicheadh e madadh-allaidh. Riamh cha do thachair nàmhaid r’a eascaraid cho an-iochdar ris an duine so. Bho na gniomhan fuileachdach a rinneadh an Albainn le òrdugh féin, agus a’ cheadaich e do dhaoin’ eil a dheanamh, thug a mhuinntir sin a bha beò ri linn, an ainisge sgainnealach so mar ainm air—Am feoladair! agus am fear-eachdraidh nach urrainn a ghlanadh bho ’n sgainneal feumadh e an t-ainm sin a dhainneachadh agus aithris!” Air dha thighinn gu lùchairt rìoghail Dhunéideinn, chaidh e gun dàil gu leabaidh—anns a’ cheart leabaidh-stata anns na chaidil Tearlach ré chetheir mìosan roimhe. An deigh dha fois dha uaire ghabhail, dh’ eirich e, agus thòisich e air cur a ghnothaichean air dòigh, gu dhol an deighe nan Gàel. Roi’ ochd uairean, agus mu’n do ghabh e ’bhiadh-maidne, bha e gu dicheallach a cumadh innleachdan maille ri Seanaileir Hawley, Husk, agus ard ofigeich eile, a chum feachd a’ Phrionns’ a sgrios. Mu ’n àm sin bha cluig-chiùil a’ Bhaile a’ cluich mar onair agus mar shòlas ri theachd. Bha’n t-arm-dearg air fàs mòrair ’n a bu lionmhoire agus n’a bu mhisneachail na bha iad an uair a theich iad a Sliabh na h-Eaglais,—bha iad deas air son ath theine thoirt air na Gàeil, agus bha iad air tì triall nan dail beagan laithean mu’n tàinig an Diùc. Bha nis’ a rùn air an Diùc triall air an ath mhadainn leis an arm-dhearg a chum latha blàir fheuchainn ris na Gàeil, agus é fein air ceann na feachd a chum am beothachadh, agus am misneach a chumail suas. Dh’ fhàg e féin ’s an t-arm Dunéideann air an tri-amh latha diag thar fhichead de mhìos dheireannach a’ Gheamhraidh. Chuir Diùc Uilleam an òidhche sin seachad ann an Gleann-Iuch, an làn dòchas gu ’n robh e gu chothrom féin fhaotainn air feachd a’ Phrionns’ an ath latha,—Moch sa’ mhadainn dh’ fhàg an àrmailt Gleann-Iuch agus an Diùc féin a’ màrsail air tùs na réiseamaide ris an cainnt’ An fheachd Rìoghail Albannach, a’ brosnachadh nan daoine le dion bhriathran, iad an ceum a luathachadh, a chum tarruinn suas ris na Gàeil, a chaidh innse dha ’bha nise teicheadh le deifir do ’n taobh-tuath. Dh’ fhan e’n òidhche sin anns an Eaglais-Bhric far an d’ fhuair e beagan cruinn de dh’ fheachd a’ Phrionns’, a’ chuir e air ball mar phriosanaich a dh’ ionnsaidh Chaisteil Dhunéideinn. Bha na Gàeil a nise cuir rompa triall gu tuath agus machair nan Gall fhàgail; ged a bha iad beagan laidhean roimhe so air son ath choinneamh a dheanamh ris an arm-dhearg air Sliabh na h-Eaglais: air an aobhar sin dh’ àireamhadh an fheachd air faich Allt-a bhonaich. Air an ochdamh latha fichead de ’n mhìos nuair a chualas gu robh Uilleam a’ tighinn do dh-Alba chum comannd’ an airm dheirg a ghabhail, bha na Gàeil ’san aon inntinn, agus Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. [TD 159] [Vol. 9. No. 20. p. 7] bha ’n dòigh anns an robh iad gu seasamh ann an òrdugh catha air a tharruinn suas le Morair Seòras Moireach. Ach a nise cha robh dheth an arm Ghàelach cruinn ach ma chùig mìle fear, bha cuid ac’ air dol dachaigh; agus cuid eile air farsan feadh na dùthcha mu ’n cuairt do ’n Eaglais Bhric. Bha cinn-feadhna nam Fineachan a nise cinnteach nach bu chomasach dhaibh barrachd air cùig mìle fear a thoirt a chum na h-àraich an aghaidh feachd lionmhor an Diùc a bha mu’n àm sin ma dheich mìle fear. Air an aobhar sin chaidh Morair Seòras Moireach, Loch-iall, Fear-na-Ceapaich, Tighearna Chlann-Raonuill, Fear-Aird-Seile, Dòmhnullach Locha-Garraidh, Fear-Sgotais, Oighre Mhorair Sim, agus sgriobh iad litir a cuir na cùise so an céill do na Phrionns’, agus ag aontachadh gu h-aon-sgeulach, gu ’m b’e teicheadh gu tuath bu ghlice dhaibh na iad féin a chuir ri uchd gabhaidh, anns nach b’ion dhaibh sùil a bhi ac’ ri n’a b’ fhearr na tur léir-sgrios. Air an làimh eile bhiodh an t-arm ré a’ gheamhraidh a’ cruinneachadh neart’ anns an taobh tuath, agus cha bu spàirn orr’ iad féin a dhion bho fheachd lionmhor an Diùc na ’n tàradh iad aon uair air feadh nan Garbh-Chrioch. Osbarr, bha iad dearbhta roi’ thùs an Earraich gum biodh iad comasach air deich mìle fear-feachd a thoirt thun na h-àraich, gun luaidh idir air a’ chobhair ris an robh dùil aca bho righ na Fraing. Chaidh a shonrachadh air an oidhche sin, gun trialladh na Gàeil do’n taobh-tuath ma naoi’ uairean an ath madainn. Ghlac maoim iomadh dheth na daoine, agus cha d’ fhan iad ris an uair shuidhichte a shonraich am Prionns’ gu triall, ach dh’ eirich iad mu sgarachdain nan trà, air madainn a’ chiad latha de chiad mhìos an Earraich, agus dh’ fhalbh iad nan iomadh cuideachd sgaipte gun fhuireach ri òrdugh oifigeach. Leis an chabhaig so anns an robh iad a teicheadh, ghabh ma thuaiream leth cheud baraille dheth an cuid fùdair, a bh’ ac’ an tasgaidh ann an Eaglais Naoimh Niniain teine, agus mharbh e deichnear de mhuinntir an àite, agus cuid dheth na Gàeil féin, a cuir na h-Eaglais na smuid san iarmailt; agus bu chaol a thearainn am Prionnsa féin oir chaidh cuid de chlachan agus de sgliat na h-Eaglais seachad r’a thaobh. (Ri leantuinn.) ’S fhiach MAC-TALLA dolar ’s a bhliadhna air a phaigheadh aig a toiseach. Tha bliadhna dhe’n phaipear a deanaibh leabhar mor, corr us 400 taobh duilleig, a bhiodh air a mheas le neach tuigseach sam bith saor aig pris aon dolar. Ach tha toil againn moran a chur am bliadhna ri àireamh an luchd-gabhail, agus gu bhi toirt brosnachadh do gach neach gu bhi faighinn gabhaltaichean ùra, tha sinn a toirt an tairgse a leanas:— Neach sam bith nach eil am fiachan do ’n phaipear agus a gheibh gabhaltach ùr gheibh e fhéin agus a neach sin MAC-TALLA fad bliadhna air son $1.50 air a chur thugainn aig a toiseach. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 160] [Vol. 9. No. 20. p. 8] RANNAN O LEABHAR MHIC-MHUIRICH. An d’ fhàg thu slighe ghorm nan speur A mhic gun bheud a’s òrbhuidh ciabh? Tha dorsan na h-oidhche dhuit réidh Agus pailliun do chlos ’san iar. Thig na stuadhan mu ’n cuairt gu mall A choimhead fir a’s àillidh gruaidh, A togail fo eagal an ceann Ri t’ fhaicinn cho àillidh ad shuain. Theich iadsan gun tuar o do thaobh, Gabh thusa cadal ann ad chòs, A ghrian, is till ’sa maduinn mhoich Do ’n speur o d’ chlos le aoibhneas mòr. Biodh mile solus togte suas, Ri binn fhuaim sheimh nan clàrsach grinn, ’S biodh sòlas an talla nan stuadh, Thill Fionn nam buadh le cliu gu ’thir. Tha còmhstri Charuinn fada uainn, Mar fhuaim nach cluinnear leinn ni ’s mò. Togaibh, a bhàird, a chiuil, an duan, Thill gaisgeach treun nam buadh le ’shlògh. Mar sin bha facail Ullainn chaoin, Nuair thill an sonn a raon nan triath, Le ùrla laiste suas le àgh, ’S le leadan trom a b’ àillidh ciabh. Bha clogad gorm mu cheann an t-suinn, Mar neul nach trom air gnùis na gréin’, Nuair bhios i falbh na h-éideadh ceo, ’S a feuchainn leith a soills’ ’san speur. Bha ’ghaisgich chalm’ an déidh an triath, ’S bha fleadh nan sligean fial’ an àird; Thionndaidh an laoch bu chiuin ’san t-sìth, Is dh’ iarr e fonn o bheul nam bard. Rugadh Seumas Mac-Mhuirich am Baideanach, ’sa bhliadhna 1738. Fhuair e àrd ionnsachadh an Oil-thaigh Abereadhainn. Anns a bhliadhna 1760 chuir e am mach dàin ann am Beurla, a bha a reir a naidheachd fhein air an eadar-theangachadh o ’n Ghaidhlig. Chaochail e ’sa bhliadhna 1796. Bha e làn de bhàrdachd agus na ’fhear-sgriobhaidh snasmhor. ORAN DO MHR. DOMHNALL MAC-NEACAIL. LE FEAR GHLINN-NODHA. ’S e Maighstir Dòmhnall Mac-Neacail An gaisgeach còmhraig ’tha reachdmhor; Is gasd’ an òrdagh an eachdraidh ’Thug feachdadh do ’n daormunn. An uair bha Albainn fo lighe Aig fear na ceilge, Mac-Iain, Chaidh tu gu calm ann ad uidhim ’S thug thu rithis saor i. Bha na Gaidheil aig Mac-Iain Mar a bha Sàl aig Goliah, ’S tusa mar Dhaibhidh ’n deagh chridhe O righe nan caorach. Nuair bha sinn uile fo mhasladh Gun àird ’sa chruinne ’dhol as duinn, ’S tu thàrr ’sa chumasg gu tapaidh, Agus thachd thu ’n craosair. ’S ann bha sinn uile mar bhalbhain, No duin’ air am biodh glas-charbaid, Gus ’n do chuir thu umad t’ armachd, Guineach, gailbheach, faoghluimt’. Nuair a bheachdaich thu mu’n cuairt duit, ’S nach deachaidh do thaic ri d’ ghualainn, Chuir thu spraic ort ris a chruadal, ’S bhuail thu steach do ’n chaonnaig. ’S mor an t-eibhneas ’bh’ orm ri ’fhaicinn, Gach leum ’thug thu air an t-Sasnach, Is tu ’g eirigh air le d’ chasan Ann au clais an aolaich. ’S mall leam gach filidh ’s luchd-fòghluim, Feadh Galltachd, innis, is mòr-thir, Nach d’ rinn rann no grinneas ròsg dhuit Chur an clò gu ’sgaoileadh. Cha mhò a fhuair iad de chridhe Dol ’san tuasaid ri Mac-Iain, Ged is iad a fhuair an ruigheachd Lo fitheach nan aoirean. Ged tha ar colaisdean oirdheirc Fo dholaidh sgoileam is oilbheum, Cha do chronaich iad an lorg sud Coirbeach a bheoil sgaoilte. ’S tus’ an t-aon duin’ ann an Albainn Dhe ’n d’ rinneadh ùmpair na h-arguin; Chaidh t’ ùngadh mar rogha seanachaidh, ’S dhearbh thu gu neo-chlaon e. ’S iomadh pears-eaglais ro sgairteil B’ ionnan ’s an dreag leo gu ’m faicteadh Do leabhar eigseach nan t’ asguidh, Le ’n gealtachd roimh ’n bhlaomair. Nam biodh Mac-Cailein na ’Ghaidheal Mar na h-athraichean o ’n d’ fhàs e, Bheireadh e baile, no dha dhiu, Ri do làithean saor dhuit. Nam biodh Righ Deorsa na ’shuidhe, Mar bu deonach leam a ghuidhe, Bheireadh a Mhòrachd dhuit luigheachd Bu chubhaidh dhuit fhaotainn. ’Righ, nach mise ’fhuair an comas Duais thoirt duit air son na comain, An ruaig a chur air an ollamh, ’S bu shomalta maoin dhuit. Phòs Domhnall Mac-an-t-Saoir, Fear Ghlinn-Nodha agus ceann-cinnidh Chloinnan-t-Saoir, Catriona, nighean Fear Dhailan-Easa, agus bha aon mhac aige, Seumas. Rugadh Seumas mu ’n bhliadhna 1727. Bha e na sgoileir math agus na ’dhuine fiosrach. Phòs e Anna, nighean do Dhonnachadh Caimbal, Fear Bharra-Challtuinn, agus piuthar do Chailein Ghlinn-Iubhair. Bha sia mic agus triuir nighean aige. Chaochail e ’sa bhliadhna 1799. DUANAG LE IAIN MAC MHURCHAIDH AN CINN-TAILE. Thogainn fonn, fonn, fonn; Dh’ éireadh fonn orm ri ’fhaicinn. Thainig litir bho Iain Peutan, ’Chuir éibhneas air fear nach fhac i; Beagan de mhuinntir mo dhùthcha ’Triall an tùbh am faigh iad pailteas. Far am faigh sinn de gach seorsa ’N t-sealg a’s bòidhche ’tha ri ’fhaicinn. Gheibh sinn fiadh, is boc, is maoisleach, ’S comas na dh’ fhaodar ’thoirt asda. Gheibh sinn coileach-dubh is liath-chearc, Lachan, sioltaidhean, is glas-gheoidh. Gheibh sinn bradan agus bàn-iasg, ’S glas-iasg ma ’s e ’s fhearr a thaitneas. ’S fhearr dhuinn sin na bhith fo uachd’rain, ’S nach fuilingeadh iad tuath bhith aca; ’Ghabhadh ann an àit an t-seoid An t-òr ge b’ ann a spòig a phartain. ’Ghabhadh ann an àit an diùlnaich Siochair sgiùganach ’s e beairteach. Falbhamaid le beannachd Dhé leinn, Triallamaid gu gleusda, sgairteil. Falbhamaid uile gu léir, ’S gur beag mo spéis do dh’ fhear gun tapadh. B’ e Alasdair Mac-Rath ceann-cinnidh Chloinn Mhic-Rath ’sa bhliadhna 1662. Bha e pòsda da uair agus bha naoi mic aige—Donnachadh nam Pios, Iain, Alasdair, Domhnall, Gillecriosd, Fearchair, Murchadh, Ailein, is Uisdein. Bha mac aig Fearchair do ’m b’ ainm Murchadh, agus bha mac aig Murchadh do ’m b’ ainm Iain. ’S e Iain so, Iain Mac Mhurchaidh, a rinn an t-òran. Bha e na ’dhuine gasda agus na ’bhard gle mhath. Thainig e do dh-America mu ’n bhliadhna 1774. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Clocaichean. A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha. Clocaichean Dusgaidh o $1.00 suas. Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas. Clocaichean Seomar-Suidhe o 5.50 suas. Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas. Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn. BEZANSON, An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 161] [Vol. 9. No. 21. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 23, 1900. No. 21. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. LE IAIN. CAIB. III. A’ FARCHLUAIS AIR NA MNATHAN. AN uair a fhuair bean Sheumais agus bean Dhomhuill Bhàin á sealladh taigh Lachlann, agus a ràinig iad an rathad mòr, shuidh iad air bruaich na h-aimhne bige. “Am bheil srad agad ’san adhairc shnaoisein, a Mhor? Ma tha, thoir domhsa làn na h-ite dheth. Tha mi gun aon srad o chionn trì latha. Bha mi ’n duil, an uair a dh’ fhalbh mi o ’n taigh gu ’n iarrainn cromadh ’thombaca an iasad air bean Lachlainn; ach leis a h-uile cabhaig a thainig oirnn cha tug mi uiread is cuimhne air guth a radh rithe. Tha fhios agam gu ’n tugadh i dhomh e, nan d’ iarr mi e. Cha ’n ’eil i mosach idir. Cha b’ ann aon uair no dà uair a thug i dhomhsa tombaca roimhe. Cha ghabh i srad dhe ’n t-snaoisein; ach tha i glé throm air a’ phìob.” “Ma ta bu trom a màthair fhein air an tì ’s air an t-snaoisein. Is math a tha cuimhe agamsa air a màthair. B’ e sin bean gun ghruaim gun choimhicheas. Cha robh te eile ’s an dùthaich a bheireadh bàrr oirre ann an aoidh ’s an caoimhneas ri luchd falbh is tighinn. Is i nach ruigeadh a leas eagal a bhith oirre gu ’m faiceadh fear a taighe i a’ gabhail tì no snaoisein. Is e fìor dhuine còir a bh’ ann gu dearbh. Cha chuireadh e pìob ’na bheul; agus mu dheidhinn na tì, bu cheart cho math leis cupa de dh’ uisge ’bhuntàta ri cupa dhi. Ach air a shon sin, cha robh e an aghaidh dhise tì a ghabhail uair sam bith a thogradh i. Is iomadh uair a chuir an dòigh a bh’ aice air deanamh na tì ioghnadh orm. Bhiodh poit bheag, bhìodach aice ri taobh an teine gun fhalbh as, agus bòrd ’na ceann—cha b’ e poit tì a bh’ ann idir, ach poit bheag thrì chasan, an aon seòrsa ris na poitean anns am bi sinn a’ bruich a’ bhuntàta, ach gu ’n robh i beag, beag,—agus an dràsta ’s a’ rithist dh’ òladh i tonnag mhath dhe ’n tì thiugh, dhuibh a dheanadh i anns a’ phoit bhig. Cha chuireadh i siùcar no uachdar innte. Bhiodh an adhairc-shnaoisein ’na pòcaid a latha ’s a dh’ oidhche; agus gu dearbh cha b’ e am beagan snaoisein a dh’ fhoghnadh dhi.” “Am biodh i ’deanamh car ach ag òl tì ’s a’ gabhail shnaoisein?” “Nach tu ’tha ’nad cheò! Cha robh té eile ’s an dùthaich cho deanadach rithe. Cha rachadh fois no tàmh oirre ach a’ calanas. Anns a’ gheamhradh bhiodh i air a cois mu ’n soilleiricheadh an latha agus bhiodh i gun ’dhol a laidhe gus am biodh e gu math seachad air a’ mheadhain oidhche. Bhiodh srann aice air sniomh, faodaidh mi ràdh, moch is anamoch is meadhain latha. Bha aice sid de phlangaidean rud a chuireadh ioghnadh ort—bha ceithir chisteachan mòra luma làn de phlangaidean cho ciatach ’s a chunnaic tu riamh, anns an taigh an uair a dh’ eug i.” “Ma ta, ’Mhòr, is beag tlachd a th’ air tì gun siùcar gun uachdar. Bheireadh i an cridhe asam fhein ’nan gabhainn mar sin i. Cha ’n ’eil ioghnadh sam bith orm ged a bha ’n seann duine còir glé choma dhi. Cha ’n ’eil mi tuigsinn c’ ar son a bhiodh tlachd aig duine sam bith dhi na ’s lugha na bhiodh i air a deadh dheanamh, agus rud math leatha. “Ach eadar dha sgeula, cha d’ thug thu dhomh an adhairc-shnaoisein idir. Is docha nach ’eil srad innte.” “Mo dhichuimhn; chaidh e as mo chuimhne an uair a thòisich mi ri innseadh dhut mu dheidhinn màthair bean Lachlainn. Cha ’n ’eil innte ach fìor bheagan gu dearbh; ach ’s dòcha gu ’n dean e an gnothach dhuinn an dràsta. Cha ’n e am beagan snaoisein a ni ’n gnothach dhomhsa ’s do Sheumas idir. Cha mhair cairteal snaoisein fada do dhithis a tha cho trom air ’s a tha sinne.” “Is e gradanadh a th’ agad an so, a Mhòr. Gu dearbh tha e math. An tu fhein a rinn e?” arsa bean Dhomhuill Bhàin. “Is mi. Co eile? Cha chuireadh Seumas a shròn os cionn snaoisein gradanaidh. Tha e na ’s mò as fhein na sin. Ach is e an gradanadh a bhios mise ’gabhail mar is trice. Is e a ’s treise; agus tha mi ’smaointean gu ’m bheil e na ’s saoire na ’n snaoisein Gallda. Tha amhrus agam gu ’m bheil iad a’ truailleadh an t-snaoisein anns a’ Ghalldachd. Chuala mise fear aig an robh fios ag radh, gu ’n robh iad a’ truailleadh na tì fhein,” arsa bean Sheumais. “Fan sàmhach. Cia mar a theid aca air sin a dheanamh?” arsa bean Dhomhuill Bhàin. “Theid mar so: an uair a bhios an tì greis an tarruinn aca, agus a bheir iad a’ chuid a’s fhearr dhe ’n bhrìgh aisde, tiormaichidh iad gu math i, agus cuiridh iad i ann am measg tì eile,” arsa Mòr. “Tha mi far an cuala mi riamh a leithid.” “Gu dearbh fhein, a Mhòr, tha thu gu math gu bleith an t snaoisein. Tha e cheart cho mìn ri srad a ghabh mi riamh. Am bheil muillean snaoisein agad?” arsa Màiri. “Tha sin agam: slige mhòr bhàirnich agus dul a’ chlobha—muillean snaoisean cho math ’s a chunnaic do shùil chinn riamh, a Mhàiri.” “Tha ’n urram agad fhein, a Mhòr. Cha teid obair sam bith iomrall ort,” arsa Màiri. “Ach fhad ’s a bhios cuimhne agam air: ciod e do bharail air na bha bean Lachlainn ag ràdh mu dheidhinn a’ mhaoir?” arsa Mòr. “Ma ta gu dearbh cha ’n ’eil fhios agam. Is dòcha gur e ’n fhìrinn a th’ aice; ach cha ’n ’eil math dhuinne guth no iomradh a thoirt air aon fhacal dhe na chuala sinn. Ma bha ’maor ’na dhuine eucorach, gamhlasach, far an robh e roimhe, faodar a bhith cinnteach nach bi e dad na ’s fhearr far am bheil e ’n diugh. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, ‘Am fear a bhios carrach ’s a’ bhaile so, bidh e carrach ’s a’ bhaile ud thall,’ a Mhòr.” “Tha ’n tul-fhìrinn agad. Cha ’n ’eil mòran eòlais aig daoine air fhathast, agus mar sin, cha ’n urrainnear a ràdh le fìrinn co dhiubh tha no nach ’eil e ’na dhuine meineil, cneasda mar a dh’ fheumadh a leithid a bhith.” “Tha e tlachdmhor gu leòr ri ’fhaicinn; agus tha iad ag ràdh gu ’m bheil e glé shìobhalta ri bruidhinn ris.” “Beagan taing dha air son a bhith sìobhalta. Faodaidh fear sam bith a bhith cho sìobhalta ri naomh fhad ’s nach cuirear dragh no tuairgneadh air. Nach sìobhalta an coltas a th’ air Ruairidh Ruadh? Agus, mar a tha fhios agadsa, is e fear cho frithir, ’s cho cas ’s cho aingealta ri mhàthair ’s ri pheathraichean ’s a sheas am bròig leathair. Gu ’n cuidicheadh an Cruithfhear beannaichte leis a’ chreutair thruagh a tha ’dol g’ a phòsadh.” “Nach eireachdail an ceathrar nighean a th’ aig a’ mhaor? Tha iad ag innseadh dhomhsa nach robh an leithidean air an fheill.” “Tha iad eireachdail ri ’m faicinn gun teagamh sam bith. Ach a dh’ innseadh na fìrinn dhutsa, bu choma leam riamh de nigheannan mòra, boga, plamacha, bàna mar a tha nigheannan a’ mhaoir. Creid thusa mise, an uair a phòsas iad sid, cha bhi annta ach na luidealaich a ’s mò agus a ’s truaighe a bhios anns an dùthaich. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh—‘Is iomadh rud buidhe nach òr: is iomadh rud còir a bha dubh.’ Ach tha e coltach gu ’m bheil meas gu leòr aig spalpairean òga na dùthchadh air nigheannan bana ’mhaoir.” “Bu neònach mur bitheadh ’s iad air ùr-thighinn do ’n dùthaich.” “Bu choma leam riamh dhe na fir a bhiodh a’ bristeadh an cnàmhan as deigh a h-uile nighean òg a bhiodh air ùr-thighinn do ’n dùthaich. Bidh fonn air gille nan lùg, ’s e h-uile rud ùr a ’s fhearr. Tha Tearlach Ruadh an déis cuis mhagaidh a dheanamh dheth fhein leis mar a tha e air an troidh ’s air an òirlich as deigh Anna bhàn a’ mhaoir. Nam faiceadh tusa mar a bha e latha na feilleadh. Cha do leig e as a shealladh i fad an latha. Thug e i fhein ’s a triùir pheathraichean gu ciste rudan-milis, agus cheannaich e punnd an té dhaibh. An sliomair gun tur! B’ fhearr dha gu mòr briogais shlàn a chur m’a athair. Tha ’athair bochd ann an sid ’s gun an t-aodach slàn m’a dhruim latha deug ’s a’ bhliadhna. Cha ’n fhaigh e ach athaodach Thearlaich.” “Cha ’n ann air Tearlach a tha mi fhein a’ cur na coire idir, ach air a mhàthair. C’ ar son nach robh meas aice air fear a taighe mar bu chòir dhi? Tha e an sid ’na luidean truagh ag obair a h-uile latha ’s a’ bhliadhna. Tha iad ag radh nach fhaigh e ach an greim a ’s miosa dhe ’n bhiadh uaipe. An uair a thig coigreach thun an taigh ’s a nithear greim bidh deiseil dha, bidh Tearlach is Màiri bheag aig a’ bhòrd comhladh rithe fhein ’s ris a’ choigreach, agus fagar Ruairidh bochd aig an teine, mar nach biodh gnothach sam bith aige ri nì no ri neach a th’ anns an taigh. Nach nàr an gnothach sin?” “Tha cuid mhòr dhe ’n choire aig Ruairidh fhein. Leig e tuilleadh ’s a’ chòir dhe ’toil fhein leis a’ mhnaoi an uair a phòs e i. Bha e gu [TD 162] [Vol. 9. No. 21. p. 2] nàdarra ’na dhuine sàmhach, ciùin, foighidneach, agus ghabh ise brath an uilc air. Mu ’n robh iad da bhliadhna pòsda, cha robh fosgladh a bheòil aige ’na thaigh fhein. Chuir i fhein a’ bhriogais oirre, agus chaith i riamh o ’n uair ud i.” “Cha ’n i ’na h-ònar a tha ’caitheamh na briogais. Chuala mise o urra glé fhirinneach gu ’m bheil a’ bhean aig a’ Bhaillidh ’g a chumail fo smachd mar gu ’m biodh gille beag ann. An uair a bhios an fhearg oirre buailidh i a cas air an ùrlar, agus their i ris e dhunadh a bheoil gu h-ealamh. Cha ’n abair e facal rithe, ach eiridh e gu bog, balbh am mach as an t-seomar agus fagaidh e an sid i.” “Nach beag a dh’ aithnichear sin oirre an uair a thachras i ri daoine air an rathad mhòr? Saoilidh tu gur i aon bhoirionnach cho ciùin ’s cho sìobhalta ’s a tha beò.” “Cha ’n ann ri ’m faicinn is còir fir is mnathan a ghabhail idir. Is minic a thainig muir mòr a plumanaich. Chunnaic sinn té is té a bha, a reir choltais, cho ciùin ’s cho baintidh ’s gu ’n saoileadh tu nach leaghadh an t-ìm ’nam beòil, a throideadh gu sgràthail air son rud gle neonach.” “Tha thu ’g innseadh na fìrinn. Nam bithinn fhein ’nam fhear cha ’n e a h-uile te a ghabhainn.” “Nam biodh tu ’nad fhear bhiodh tu coltach ri iomadach fear eile ’s an dùthaich—’nad dhearg amadan a’ falbh o bhaile gu baile as deigh a h-uile nighean a ’s briagha ’s a ’s beulaiche ’s a ’s lugha feum na cheile.” Anns an fhacal chual’ iad lasgan mòr gàire air an culaobh. Co bh’ ann ach fear de ghillean a’ bhaile. Ged nach tug iad san an aire dha, bha e fad na h-ùine ann an àite eisdeachd dhaibh. An uair a thug iad le chéile ruith chàinidh air, dh’ fhalbh iad dhachaidh, agus bha iad air an tàmailteachadh air son mar a thachair dhaibh. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. BEDER, PRIONNSA PHERSIA. CAIB. XI Cha d’ thug na briathran a labhair Beder ri Guhara toileachadh sam bith dhi. Tha e fior gu leor gu ’n do thaitinn a chainnt agus a dhoigh agus a choltas rithe an uair a thachair iad ri cheile, agus a labhair e rithe; ach cho luath ’s a chual’ i gu ’m b’ ann air a shaillibh a chuireadh a h-athair an sàs, agus a thainig oirre fhein a duthaich ’fhagail, bha i ’ga mheas mar namhaid ris nach bu choir dhi comunn sam bith a chumail. Ciod sam bith togradh a bh’ aice an toiseach gus a phosadh, mar a bha e ag iarraidh oirre, chuir i roimpe nach biodh cuid no gnothach aice ris, gu h-araidh an uair a smaoinich i gu ’m b’e aon de na h-aobhair a bh’ aig a h-athair an aghaidh a’ phosaidh gu ’n robh Beder ’na mhac do dh’ aon de righrean na talmhainn. Air an aobhar sin runaich i gu ’m biodh i lan-umhail do thoil a h-athar. Ach air a shon sin, cha robh toil aice gu ’m faigheadh Beder fios gu ’n robh diumbadh aice air. Bha i ’leigeadh oirre gu ’n robh meas mor aice air a chum gu ’m faigheadh i cothrom air i fhein a shaoradh as a lamhan. “Mo thighearna,” ars’ ise, agus coltas aoidheil, caoimhneil air a gnuis, “an tusa ma ta mac Ghulnara tha cho ainmeil air son a geurchuis agus a maise? Tha mi toilichte gur tu, agus tha aoibhneas orm gur mac thu do mhathair a tha cho measail. Cha robh e ceart do m’ athair a bhith ’n aghaidh dhuinn posadh. Na ’n robh e air d’ fhaicinn, is cinnteach gu ’n robh e air ’aonta thabhairt gu ’m posamaid.” An uair a thuirt i so, shin i a lamh dha mar chomharradh gu ’n robh i deonach a bhith cairdeil ris. Bha Beder an duil gu ’n robh e air thuair a bhith ann am mullach a sholais, agus an uair a rug e air a laimh, chrom e gus pog a thoirt d’a laimh. Phut i uaipe e, agus an uair a thilg i smugaid air an clar an aodain, thuirt i, “A thruillich mhosaich, na bi ’nad dhuine na ’s fhaide, ach bi ’nad eun geal air am bi casan agus gob dearg.” Cha bu luaithe a labhair i na briathran so na bha Beder air a chruth-atharrachadh gu eun dhe ’n t-seorsa dh’ ainmich i. Agus bha ioghnadh is bron gu leor air. “Thoir air falbh e,” ars’ ise, ri te dhe na mnathan-frithealaidh a bh’ aice, “agus cuir air an Eilean Thioram e.” Cha robh anns an eilean so ach creagan arda anns nach robh deur uisge, agus air nach fhasadh rud sam bith. Thug am boirionnach leatha an t-eun mar a dh’ aithn a banamhaighstir dhi, ged a bha truas mor aice ri Beder ’na leithid de shuidheachadh. “Is e gnothach muladach a bhiodh ann,” ars’ ise rithe fhein, “na ’m faigheadh am prionns’ og, maiseach so bas a chion bidh is dibhe. Is docha gu ’n gabh a’ bhana-phrionnsa aithreachas fhathast an uair a thig i g’a h-ionnsuidh fhein, air son an orduigh chruaidh-chridhich a thug i seachad. B’ fhearr dhomh a chur ann an aite anns am faigheadh e bas nadarra.” Air an aobhar sin thug i e do dh’ eilean do am biodh daoine gu tric a’ dol, agus dh’ fhag i e air comhnard maiseach anns an robh a h-uile seorsa de chraobhan-meas a’ fas, agus anns an robh iomadh sruthan uisge. Tilleamaid a nis gu righ Saleh. An deigh dha fhein agus do mhuinntir eile bhith ’sireadh air son Guhara, an uair nach d’ fhuaradh i, dh’ ordaich e a h-athair a bhith air a dhruideadh a staigh ’na luchairt fhein, agus a bhith air a ghleidheadh gu curamach le freiceadan laidir. Agus an uair a thug e gach ordugh feumail seachad a chum riaghladh na rioghachd a chumail air aghart fhad ’s a bhiodh e fhein air falbh, thill e d’a luchairt fhein a dh’ innseadh dh’ a mhathair mar a thachair dha. B’ e cheud rud a dh’ fheoraich e an uair a rainig e, c’aite an robh Beder. An uair a chual’ e nach robh sgeul aca air, bha ioghnadh is doilghios gu leor air. “An uair a chuala mise,” ars’ a mhathair ri righ Saleh, “gu ’n robh thusa ann an cunnart mor aig luchairt righ Shamanndail, thug mi fa near tuilleadh shaighdearan a chur g’ a d’ ionnsuidh, agus anns an am dh’ fhalbh Beder as a so. Feumaidh gu ’n ghabh e eagal, an uair a chual’ e an suidheachadh anns an robh thusa, nach biodh e sabhailte dha fuireach an so comhladh ruinne.” Chuir an sgeul so dragh mor air an inntinn aig righ Saleh, agus bha aithreachas gu leor air a chionn gu ’n d’ thug e Beder air falbh leis a Persia gun aonta ’mhathar. Chuir e daoine air a thoir do gach aite ach a dh’ aindeoin cho dichiollach ’s a bha iad ’ga shireadh, cha chual’ iad guth no iomradh air. Agus an aite an toileachaidh ris an robh duil aige an uair a chitheadh e Beder agus Guhara posda, is ann a bha doilghios anabarrach mor air. Am feadh ’s a bha e gun fhios aige ciod a thachair do mhac a pheathar, dh’ fhag e riaghladh na rioghachd ann an lamhan a mhathar, agus chaidh e fhein a riaghladh rioghachd Shamanndail. Ged a bha righ Shamanndail aige ’na phriosanach anns an luchairt, thug e dha am meas agus an t-urram air an robh e dligheach. Air a’ cheart latha air do thill righ Saleh do rioghachd Shamanndail, rainig banrigh Gulnara, mathair Bheder, luchairt a mathar fhein anns a’ chuan. Cha robh ioghnadh sam bith oirre ged nach do thill Beder dhachaidh as a’ bheinn sheilg an latha dh’ fhalbh e: oir bha e ’na shealgair cho diorrasach ’s gu ’m bu tric leis a dhol astar fad’ air thoir na seilge. Ach an uair nach do thill e air an ath latha, no air an treas latha, thoisich i ri eagal a ghabhail gu ’n d’ eirich alltapadh dha. Bha moran a bharrachd eagail oirre m’ a dheidhinn an uair a thill na h-oifigich a dh’ fhalbh comhladh ris agus a dh’ innis iad dhi nach robh e fhein no brathair a mhathar ri ’m faotainn ged a bha iad ’gan sireadh air feadh nam beann fad tri latha. Thuirt iad rithe gu ’m feumadh gu ’n d’ eirich alltapadh dhaibh, ar neo gu ’n robh iad ann an aiteiginn far nach amaiseadh duine orra. Fhuair iad na h-eich a bh’ aca, ach cha robh fhios c’aite an robh iad fhein. An uair a chuala Gulnara mar a bha, chuir i roimpe nach leigeadh i ris do na h-oifigich gu ’n robh iomaguin sam bith oirre mu dheidhinn Bheder agus righ Saleh. Dh’ aithn i dhaibh falbh g’ an sireadh a rithist. Ghabh i amhrus gu ’n d’ thug righ Saleh leis Beder do ’n chuan, agus gun fhacal a radh ri neach sam bith mu dheidhinn na bha ’na beachd a dheanamh, thug i an cuan oirre, agus ann an uine ghoirid rainig i luchairt a mathar ’s a brathar. Cho luath ’s a chunnaic a mathair i dh’ aithnich i c’ar son a rainig i. “A nighean,” ars’ ise, “tha mi ’tuigsinn gle mhath nach ann g’ am fhaicinn-sa a thainig tu. Thainig tu feuch am faigheadh tu forofhais air do mhac. Cha dean an naigheachd a th’ agamsa ri innseadh dhut ach ar fagail le cheile na ’s bronaiche na bha sinn riamh. Cha bu luaithe chunnaic mi e ’tighinn an so na bha mi gle aoibhneach. Ach air a shon sin, an uair a thuig mi gu ’n d’ thainig e an so gun fhios dhutsa, bha mi fo dhragh gu leor mu do dheidhinn, o nach robh fhios agad c’aite an robh e.” An sin dh’ innis i dhi mar a chaidh righ Saleh a dh’ iarraidh na bana-phrionnsa Guhara do Bheder ri ’phosadh, agus mar a thionndaidh gnothaichean am mach gus an deachaidh Beder air chall. “Chuir mise daoine air a thoir cho luath ’s a dh’ ionndrainn sinn e,” ars’ ise, “agus rinn righ Saleh mar an ceudna gach ni ’na chomas a chum forofhais fhaotainn air. A dh’ aindeoin gach oidhirp a thug sinn, dh’ fhairtlich oirnn ’fhaotainn. Ach air a shon sin cha’n ’eil math dhuinn ar dochas a chall. Faodaidh gu ’m faic sinn fathast e an uair a’s lugha ’shaoileas sinn.” An uair a chuala Gulnara mar a thachair, chaill i gu buileach a dochas gu ’m faiceadh i Beder gu brath tuilleadh. Agus bha i ’cur na coire gu leir air righ Saleh air son mar a thachair. Thoisich a mathair air a comhairleachadh agus air a radh rithe nach bu choir dhi tuilleadh ’s a’ choir de bhron a dheanamh. “Tha e fior gu leor,” ars’ ise, “nach robh e glic do d’ bhrathair a bhith ’labhairt riut mu dheidhinn a’ phosaidh ud ann an eisdeachd Bheder. Agus cha robh e idir ceart dha Beder a thoirt air falbh a Persia gun do chead-sa ’fhaotainn. Ach o nach ’eil cinnt sam bith againn gu ’n deachaidh Beder a chall, is coir dhutsa gach ni ’nad chomas a dheanamh a chum an rioghachd a ghleidheadh dha. Gun dail sam bith till air ais do Phersia. Bidh e feumail do ’n luchd-riaghlaidh thu ’bhith maille riutha. Agus theid agad air sith a ghleideadh anns an rioghachd ma bheir thu fa near fios a leigeadh am measg an t-sluagh gu ’n deachaidh righ Phersia a dh’ amharc air a sheanamhair.” [TD 163] [Vol. 9. No. 21. p. 3] Ghabh Gulnara a’ chomhairle so gu toileach. Dh’ fhag i slan aig a mathair, agus bha i air a h-ais anns an luchairt ann an Ceanna-bhaile Phersia mu ’n d’ ionndrainn iad gu ’n robh i air falbh. Gun dail sam bith chuir i teachdairean air thoir nan oifigeach a chuir i air falbh a shireadh Bheder, agus dh’ innis i dhaibh gu ’n robh fhios aice far an robh an righ, agus nach biodh an uine fada gus am faiceadh iad a rithist e. Thug i ordugh a’ cheart sgeul a sgaoileadh air feadh a’ bhaile. Agus bha i fhein agus ard-chomhairle na rioghachd a’ riaghladh cho math ’s ged a bhiodh an righ fhein an lathair. (Ri leantuinn.) Urchair Thuiteamais. LE UISDEAN. B’ ann ’s a’ bhliadhna ochd ceud deug dà fhichead ’sa naoi deug, ’n uair a bha sinn a’ cogadh ris na Frangaich ann an Taobh-tuath America, a bha buidheann de’n armailt Bhreatunnach ann an campa air bruaich aimhne, ann an àite a bha an a dhaingneachadh cho mòr le nàdur ’s gun robh e eucomasach do nàmhaid sam bith tigh’nn orra gun fhios dhaibh. Cha robh an cogadh ann an America aig an am sin air a chur air aghaidh mar a chi sinn aig rioghachdan an t-saoghail an diugh. Bha muinntir an aite—na h-Innseanaich—mar an ceudna an aghaidh a cheile, agus ghabh cuid dhiubh taobh nam Breatunnach agus cuid eile taobh nam Frangach. Bha iadsan a ghabh taobh nam Breatunnach air an ionnnsachadh mar shaighdearan eile agus air an cumail fo smachd; ach cha b’ ann mar sin a thachair dhaibhsan a ghabh taobh nam Frangach, oir leigeadh leo deanadh mar a thogradh iad, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach b’e an ni a b’ fheàrr a rinn iad. Dh’ fhalaicheadh iad iad fein a measg chreagan agus air feadh na coille, agus ’nuair a gheibheadh iad cothrom thigeadh iad a mach le’n saigheadan ’s le’n tuaighean agus mhortadh iad gach saighdear Breatunnach air am faigheadh iad greim. Bha luchd-faire a champa gu sònruichte air an gearradh sios gu tric agus air an toirt air falbh far nach faicte tuilleadh iad, agus ’nuair a rachadh luchd-torachd a mach air an son theicheadh na h-Innseanaich cho luaith ’s nach b’urrainn do dhuine sam bith an cur an sàs. A chum crioch a chur air an t-sealgaireachd so, a bha deanadh call ro mhòr, dhublaicheadh aireamh luchd-na-faire agus dh’ iarradh orra sgaoileadh a mach agus suil gheur a chumail air na h-Innseannaich. ’S ann do reiseamaid shaighdearan-coise a bhuineadh a chuid mhor de luchd-na-faire, agus leis cho dlùth sa bha iad do ’n choille chailleadh moran dhiubh. ’Se ni a b’ iogantaiche mu’n cuairt air a chall a bha ’n so nach robh lorg no larach sam bith ri ’m faicinn a leigeadh fios ciod e an taobh a ghabh iadsan a bha deanadh air falbh leis na saighdearan. Theireadh cuid gur e cealgaireachd a b’ aobhair air, cuid eile gu ’m faodadh na saighdearan losgadh agus mar so a leigeadh a thuigsinn gu’n robh an namhaid air tigh’nn orra; ach bha mòran ann nach creideadh gun robh ni aig cealgaireachd ri dheanadh ris, agus a bha ’m beachd, ged a bha an ni do-thuigsinn aig an am, gun rachadh soileireachadh a chuir air rì uine. Air maduinn àraidh chaidh buidheann shaighdearan a dh’ ionnsuidh an aite faire bu dluithe do ’n choille a leigeadh air falbh fear d’an companaich a chaidh fhàgail anmoch an oidhche roimhe. ’Nuair a rainig iad cha robh sealladh air agus chuir so iongantas ro mhor orra. “Ach,” ars iadsan, “De tha ’n so ach ni air am bheil sinn air fas ro eolach a nis.” Dh’ fhag iad fear eile ’na àite agus dh’ fhalbh iad a guidhe gu’m biodh soirbheachadh a b’ fhearr leis. ’Nuair a thill iad a rìs bha am fear so mar an ceudna air falbh. Shealladh anns gach aite mu’n cuairt ach cha d’ fhuaireadh e. De nis a ghabhadh deanadh; cha robh maith an t-aite fhagail falamh. Chuir iad seachad beagan ùine a smaointeachadh ciod bu chor dhaibh a dheanadh agus an sin rinn iad suas gu ’m fàgadh iad fear eile. Bha na saighdearan uile fo eagal ro mhòr agus cha robh a h-aon dhuibh a ghabhadh os laimh an t-àite sheasamh. Mu dheireadh fhuair iad fear a thoilich fanachd ach air chumhnant gu’n tilleadh iad ann an uine ghearr. Dh’ fhalbh iad agus ’nuair a ràinig iad an campa chaidh iad a dh’ ionnsuidh a Choirneil agus thug iad dha an eachdraidh o thoiseach gu deireadh. Bha esan fo thrioblaid mhòr ’n uair a chual e mar bha tachairt; ’s e buille ghoirt a bh’ ann dha a chluinntinn gun robh e call a dhaoine ’na leithid de dhoigh. “Thigibh,” ars esan, “a’m’ ionnsuidh air an ath thurus a bhios sibh a falbh agus theid mi mach leibh, oir cha bhi fois agam gus am faigh mi mach ciod is ciall do’n chùis.” Thug brithran a Chòirneil mor mhisneach dhaibh agus dh’ fhalbh iad ag radh gun tilleadh iad ann an ceann uair an uaireadair. Ruith an uair, thill na saighdearan mar a thubhairt iad agus dh’ fhalbh an Coirneal leo ’Se àite falamh gun duine gun bheathach a bha feitheamh orra. Bha na luirg a rinn an saighdear ’nuair a bha e sraideamachd air ais agus air aghaidh ri ’m faicinn ach cha robh fuil no ni sam bith ann a leigeadh ris ma bha e stri ri namhaid mu ’n deach a thoirt air falbh. Cha b’ ioghnadh riamh gu so e; ach cha robh ac’ air ach duin’ eile a chur ’na àite ’sa dhol air ais do’n champa. Am fear a chaidh a shonrachadh, bu duine treus misneachail e, agus an àm a bhi ’ga fhagail thubhairt e ris a Choirneal ’nuair a bha iad gu fhagail. “Na boidh eagal oirbh air mo shon, cha teich mi de sam bith a thachras.” ’Nuair a ruith an uine thill an Coirneal le chuid dhaoine. Bha iad gu bhi aig an ’nuair a chunnacas an Coirneal a suathadh a shuilean. Bha e a’m beachd gun robh a shiùlean ga mhealladh ach, mo chreach! cha do mheall, oir bha am fear so mar an ceudna air a thoirt air falbh mar gun togte o’n talamh e. Cha robh fios air an turas so coid a ghabhadh deanadh; bha an Coirneil air son reiseamaid shlàn fhagail, ach smaointich e sin nach b’e sin an doigh bu docha grein fhaotainn air a nàmhaid. Gun fios a thoirt do chach ciod e bha na bheachd, ghlaodh an Coirneil air an t-saighdear a bha ri aite an fhir a dh’ fhalbh a ghabhail, agus thubhairt e ris “Am bheil thusa toileach an t-àite so a sheasamh?” “Ma tha le’r cead,” ars esan, “tha fios agam gu ’m feum mi mo ghnothuch a dheanamh, ach b’fheàrr leam mo bheatha chall air doigh sam bith eile.” “Cha ’n fhag mi,” ars’ an Coirneal, “duine sam bith an aghaidh a thoil.” Cha bhuileach a bha na facaìl sin a mach as a bheul ’nuar a thainig saighdear mor calma air aghaidh agus thubhairt e, “Tha mise toileach an t-àite a sheasamh.” Thug gach duine a bha mu’n cuairt urram dha air son a leithid do thairgse a dheanamh agus bhuail iad am basan ri cheile a thoirt misneach dha. “Cha ’n fhag mi so beo” ars esan. Agus leigidh mi a thuigsinn duibh ma bhios mi ann an cunnart sam bith. Loisgidh mi urchair an fhuaim a’s lugha chluinneas mi, ged nach biodh ann ach ian ag itealaich no duileach nan craobh a tuiteam. Sin agaibh a nis an cumhnant air am fan mi; ma ghabhas sibh i ’s maith ’s mur a gabh cha ’n fhan mi.” ’Labhair thu gu ceart,” ars an Coirneal, “lean thusa mar a chi thu iomchuidh agus bithidh sinne deas gu d’ chuideachadh.” Dh’ fhàg a chompanaich beannachd aige; thill iad do’n champa le smuantean trom. Cha robh an uair ach gann air ruith ’nuair a chualas urchair agus a mach bha ’n Coirneal le chuid dhaoine, cinnteach air an turus so gu ’m faigheadh iad a mach ciamar a bha iad a call nan daoine. Chunnaic iad an saighdear a tighinn n’an codhail beo, slan, agus e a slaodadh Innseanach marbh as a dheigh. “Thubhairt mi ribh” ars esan “gu’n losgainn an fhuaim bu lugha chluinninn agus shabhail sin mo bheatha dhomh. Cha robh sibh fad’ air falbh ’nuair a chuala mi starbhanaich dluth dhomh. Sheall mi mu’n cuairt orm agus chunnaic mi cullach mor ag ionaltradh agus—mar a shaoil mi aig an am—a sealltuinn air son chnothan am measg nan duilleach aig bun nan craobh. Cha do chuir an creutair iongnadh mor sam bith orm, oir tha iad ro phailt ’san àite so, ach leis mar a bha mi le cùram, gun fhios có an taobh a dh’ fhaodadh an namhaid tighinn orm, chum mi sùil gheur air. Mhothuich mi—agus chuir e dragh orm—gun robh e feuchainn ri faotuinn do’n phreas-choille air mo chulthaobh. Cha do leam mi mo shùil dheth agus bha e nis gu bhi stigh do ’n choille. Cha robh mi cinnteach ciod bu choir dhomh a dheanamh. Shaoil leam nach deanadh sibh ach gaire-fanoid ’nuair a chitheadh sibh nach do mharbh mi ach cullach, agus cha mhor nach do rinn mi suas m’ inntinn a leigeadh air falbh ’nuair a mhothuich mi e a deanamh deas air son cruinn-leum a thoirt a stigh do’n choille. Cha do chuir mi dail ni b’ fhaide ann, loisg mi agus leag mi e. ’Nuair a thuit e chuala mi osann a bha mi cinnteach nach buinneadh do chreutair sam bith air thalamh. Chaidh mi null far an robh e, agus faodaidh sibh a bhi cinnteach gun do chuir e iongnadh orm fhaicinn gur e Innseanach a mharbh mi. Bha e air a chomhdach cho innleachdach ann an seiche a’ chullaich ’s gun robh e cu-comasach do neach sam bith aig an astar a dheanamh a mach gur e duine a bh’ann. Bha biodag agus tuadh aige deas air son mo mharbhadh.” Bha e nis gle shoilleir gur h-ann air am mort a bha na saighdearan a chailleadh. Bha na h-Innseanaich a falbh ann an cruth cullaich agus ga’m folach féin anns a’ choille. ’Nuair a gheibheadh iad cothrom bha iad a tighinn a mach agus, gun rabhadh sam bith a thoirt, a marbhadh nan daoine mu ’m faigheadh iad urchair a losgadh. Bha e farsada gu leoir dhoibh na cuirp a shlaodadh a stigh do’n choille agus an tiodhlachdadh far nach faighte iad.—Highland News. Saobh-Chrabhadh nan Gaidheal. Tha leabhar ùr air tighinn a mach an Glaschu anns am faighear mòran do sheann chràbhadh is chreideamh nan Gàidheal. Bha e air a sgrìobhadh leis an Urr Iain G. Caimbeul nach maireann, a rinn ainm is cliù airidh dha féin mar fhear-cruinneachaidh sgeulachdan Gàidhealach. Gheibhear anns an leabhar so cùnntas glan soilleir air ursgeulan, uiriscean, is bruadaran iongantach am measg nan Gàidheal. Chithear na Sithichean aig obair; agus an t-Each Uisge a’ tighinn a mach á doimhne an loch a dheanamh suiridh air gruagaichean aonarach an àm an fheasgair. Anns an leabhar so mar an ceudna gheibhear cunntas air an Sgoil Dhubh, agus air an Diabhul aig an robh a ghnàth àite sònruichte, am measg nan Gàidheal. Bha Mr Caimbeul ro dhìchiollach ann a bhi a’ cur nan seann nithean so ri chéile ann an cànain ghasda ùr labhrach. Gun teagamh fhuair e a’ chànain so ann am beòil an t-sluaigh féin, ach cha’n e a’ h-uile fear a chuireas sgeulachd an t-sluaigh a sìos gu grinn glan mar tha i againn an so. Thionndaidh e a’ Ghàilig gu Beurla bhlasda a bhios ’na tlachd do luchd leughaidh na cainnt sin. Bha eòlas math aig Mr Caimbeul air a’ Ghàidhealtachd gu léir; ach ’s ann an eilein Thiridhe a fhuair e a’ chuid is mò a tha anns an leabhar. Tha dùil gu’m bi leabhar eile a’ tighinn a mach fathast o làmh an ùghdair anns am bi seann chleachdaidhean ar luchd-dùthcha mu bhuidseachas agus mu thaibhsean air an cur sìos air dòigh chomasach fhìrinneach.—Oban Times. [TD 164] [Vol. 9. No. 21. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, NOBHEMBER 23, 1900. THA Mod bliadhnail a’ Chomuinn Ghaidhealaich ri bhi air a chumail ann am baile Pheairt air an naodhamh latha fichead dhe ’n mhios (Di-haoine s’a tighinn). Tha àireamh mhor dhuaisean ri bhi air an toirt seachad, agus tha dùil ri coinneamh mhor a bhi ann. Nach b’ iomchuidh an gnothuch do Ghàidheil Chanada cruinneachadh dhe ’n t-seòrsa so a bhi aca uair ’sa bhliadhna? Tha sinn dhe ’n bharail, na ’n rachadh a chur air chois aon uair, gu ’m biodh de dhuinealas ’s de dhilseachd anns na Gaidheil na chumadh suas e air sgàth an gràidh do thir ’s do chainnt an sinnsir. RE nan ceithir seachduinean romh latha ’n taghaidh, bha moran ri chluinntinn ’s ri leughadh ann am paipearan-naigheachd na dùthcha mu dha sheòrsa sluaigh a bhi ann an Canada, air an roinn o cheile a thaobh nan sinnsirean o’n d’ thainig iad, agus a thaobh nan cainntean a tha iad a’ labhairt. Anns na cearnan sin dhe ’n dùthaich anns am bheil a mhor-chuid de ’n t-sluagh de shinnsireachd Bhreatunnaich, bha ri ’m faotainn daoine a rachadh a chur mar dhleasdanas orra riaghladh na dùthcha a spionadh gu buileach ’s gu bràth á lamhan nam Franagch; agus anns na cearnan anns am bheil a mhor chuid de ’n t-sluagh de shinnsireachd Fhrangach, tha e air innse dhuinn gu robh e air a chur mar fhiachaibh orra feuchainn ris an ni ceudna dheanamh a thaobh na muinntir a bha de shinnsireachd Bhreatunnaich. Is obair mi-iomchuidh ann an dùthaich sam bith a bhi dùsgadh aon earainn dhe ’n t-sluagh an aghaidh an earainn eile air bhonn nach ionann sinnsireachd dhaibh; ach tha e ro amaideach agus ro olc a bhi ri leithid ann an Canada, dùthaich nach ’eil fhathast ach ’na h-òige, agus air an dean comhstri dhe ’n t-seòrs’ ud lagachadh mor. Ach tha e ’na aobhar aoibhneis a bhi faicinn gu bheil an spiorad coimheach sin a dol bàs, nach do shoirbhich leothasan a bha feuchainn ri fhadadh, agus gu bheil iadsan a bha air son an sluagh a chur an aghaidh a cheile a thaobh sinnsireachd us cainnte a nise ’gabhail nàire dhiubh féin air son an deanadais. Gu dearbhadh fhaotainn air sin cha ’n ’eil againn ach sealltuinn anns na paipearan-naigheachd agus chi sinn muinntir gach taoibh a cur na coire air muinntir an taoibh eile, mar chloinn bhig a rachadh bhar a cheile, mu ni a tha iad a nise faicinn nach b’ fhiach an t-saothair. Faodar mar sin a bhi cinnteach, nuair a bhios pàrlamaid eile ri taghadh ann an Canada, nach toirear ionnsuidh cho garg air an t-sluagh a champachadh an aghaidh a cheile mar Bhreatunnaich ’s mar Fhrangaich ’sa chaidh a thabhairt air an turus so. Is dùthaich Canada anns am bheil saorsa thoile féin aig gach duine, fhad ’s is i a thoil an ni a tha ceart a dheanamh, dùthaich anns am bheil na h-aon chòirichean ’s na h-aon sochairean aig gach seòrsa sluaigh, agus cha mheudaich e còir no sochair aon duine còir no sochair sam bith a thoirt bho dhuin’ eile. Tha leud us farsuingeachd innte a dh’ fhoghnas do na h-uile. Tha àit innte do ’n Ghall ’s do ’n Ghàidheal; do ’n Eireannach do ’n Fhrangach ’s do ’n Ghearmailteach; agus mar is luaithe dh’ aontaicheas iad uile cur suas le fàillingean a cheile ’s còmhnuidh a ghabhail an sith ’s an càirdeas, taobh ri taobh, ’s ann is fhearr dhaibh fein agus dh’ an dùthaich anns am bheil iad a deanamh an dachaidh. THA cuid de phaipearan nan Stàidean a’ deanamh uaill as mar a mheudaich am malairt ris na h-Eileanan Philippeach o’n thainig iad fo ’m brataich féin. Tha luach a bhathair a chaidh a chur do na h-eileanan a nise mu dha cheud mile dolair ’sa bhliadhna na ’s àirde na bha e riamh ’nuair a bha iad fo bhratach na Spàinne. Ach tha aon pàipear a nochdadh nach eil aobhar uaill mhor sam bith aca. Tha luach corr us ceud gu leth mile dolair de stuth làidir air a chur do na h-eileanan gach bliadhna, agus ’nuair a chuirear ri sin fiach a bhidh a chosgas an tri fichead us coig mile saighdear a th’ aig na Stàidean annta, cha bhi ach earann ro bheag dhe ’n da cheud mìle dolair air fhàgail gu chur ri creideas fior mhalairt. Air son an stuth làidir, cha robh cleachdadh aig na h-eileanaich ris, agus b’ fhearr do ’n mhor chuid dhiubh, anns an t-seadh sin co-dhiu, nach fhac’ iad bratach na Stàidean riamh; b’ fhearr, agus do shaighdearan nan Stàidean féin, oir tha na ceudan dhiubh nach d’ rinn ach gann blasad air deoch làidir riamh gus ’n do ghabh iad ’san arm, an diugh ’nan sineadh fuar fo ’n fhòd air neo air an dunadh suas ann an taighean-caothaich. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Searlot. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceaunaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a hbi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn. Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha. Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe. Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. J. GRANT, MANAGER CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean. [TD 165] [Vol. 9. No. 21. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha an carbad-iaruinn gu bhi ruith air tim-chlar a’ gheamhraidh air an t-seachdain s’a tighinn. Thatar ag radh nach ruith ach aon trein ’san latha; gu’m bi an trein luath air a toirt bhar an rathaid. Chaochail bean Andra Mhic-Leoid oidhche Di-haoine s’a chaidh. Bha i ann an slàinte mhath, agus cha do ghearan i bhi tinn gu mionaid no dha mu’n do dh’eug i. ’Se tinneas a chridhe a dh’aobharaich a bàs. Shil caitean beag sneachda deireadh na seachdain s’a chaidh, a cheud shneachd a shil air an fhoghar so Bha an t-uisge ann a chuid bu mhotha de thoiseach na seachdain so. Cha ruigear a leas sùil a bhi ri moran de shide bhriagha tuilleadh gus am bi an geamhradh cruaidh ann. Chaidh fear Iain Donovan a ghoirteachadh aig an obair iaruinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaochail e feasgar Di-satharna. Thuit e air stob iaruinn agus bha slige chinn air a bhristeadh, ’s chaidh an t-iarunn ’na eanachainn. Bhuineadh e do Ingonish, agus cha robh e ach bliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Bha Iubili coithional Mhira air a cumail Di-donaich ’s Di-luain s’a chaidh. Bha an t-Urr. Mr. Calder air a chuideachadh le àireamh de mhinistearan eile. Bha sluagh mor cruinn, agus chaidh ceithir fichead dolair a thional. Bhuineadh Sidni do choithional Mhìra fhad ’sa bha an Dotair MacLeoid na mhinisteir ann. Bha an Iubili air a cumail ann an Sidni ’san t-samhradh. Tha fear d’an ainn Cyrus J. Doull anns a phriosan an dràsda, far am bheil aige ri fuireach, mur faigh e mach air urrais, gu àm na cùirte moire, a’s t-samhradh s’a tighinn Bha e air a chur an sàs air son nighean a mhuinntir a bhaile, Maud Lowther, a ghoid air falbh ’sa chur do thigh mi-bheusach ann a Halifacs. Fhuaireadh an nighean, agus thugadh dhachaich i toiseach na seachdain so. Di-ciaduin air an t-seachduin s’a chaidh, bha fear Edwards a bha na shergeant ’s an arm ann a Halifacs a’ dol a phòsadh. Ach ’nuair a thainig an carbad gus a thoirt dh’ an eaglais, fhuaireadh e ’na shineadh marbh anns an t-seomar-chadail ’se ’n deigh peilear a chur troimh ’chridhe. Chaidh e-fhein is cuid de chompanaich bhar a cheile an oidhche roimhe sin, ’s iadsan a tarruinn as, agus thatar a’ deanamh am mach gu’m b’e ’n dragh a thug an aimhreit sin m’a cheann a thug àìr crioch a chur air fhéin. Tha an cogadh ann an Africa mu Dheas gle fhaisg air a chrich, agus tha e ro-choltach gu ’n dean àireamh mhor de na Boerich an dùthaich fhàgail; oir cha ’n eil iad deònach fuireach fo bhratach Bhreatuinn. Tha moran dhiubh air a dhol thar nan criochan cheana, ’s tha iad a’ dol a dheanamh an dachaidh air fearann a bhuineas do ’n Ghearmailt. Tha aon sgeul ag ràdh gu bheil riaghladh na h-Olaint a’ dol a cheannach fearainn dhaibh far am faod iad cur suas air an son fein mar a bha iad roimhe ma thoilicheas iad sin a dheanamh; ach tha sgeul eile ag radh nach ’eil sin fior, ach gu feum iad a bhi fo riaghladh na Gearmailte, ni nach cord a bheag na ’s fhearr riutha na bhi fo riaghladh Bhreatuinn fhéin. Tha a bhan-phrionnsa Victoria, nighean Prionnsa Wales, gu bhi air a pòsadh ri Seoras, Prionnsa na Greige. Is e am prionns’ òg so a tha ’na riaghladair air Crete o’n chaidh an t-eilean sin a thoirt á làmhan nan Turcach. Chaidh muillean-sàbhaidh Mhic-Asguill, anns na Narrows Bheaga, a losgadh oidhche Di-màirt, agus chailleadh gach ni a bha ’na broinn. Cha robh urrasachadh sam bith oirre, agus tha an call air a mheas aig da mhile dolair. Tha pàrlamaidean Chuebec us Eilean a’ Phrionnsa air an cur m’a sgaoil, agus tha pàrlamaidean ùra ri bhi air an taghadh: ann an Cuebec air an t-seachdamh latha dhe ’n ath mhios, ’s air an Eilean air an darra latha deug. Chaidh fear Lachlainn MacEachainn, a mhuinntir meinn an Reserve, a chur air falbh an dé dh’ an tigh-obrach, far am bheil aige ri da bliadhna chur seachad. B’e chionta rinn e botull a thilgeadh air a charbad-iaruinn aig cala ’n Dominion oidhche cheathramh latha fichead de dh’ October. Chaidh fear Iain A. Friseal a mharbhadh leis a charbad iaruinn aig Amhuinn an Iar Phictou maduinn Di luain s’a chaidh. Dh’ fheuch e ri dhol air bord a charbaid ’nuair a bha e ’gluasad a mach o’n challa. Thuislich e, agus thuit e fo na cuidhlichean, far an robh e air a ghearradh ’na mhirean. Bhuineadh e do Hopewell, agus bha e ’g obair air an rathad-iaruinn. Bha coinneamh aig na liberals an de ag ainmeachadh dhaoine air son parlamaid N. S., an àite ’n Dotair Kendall us Alasdair Johnston a tha nise nam buill dhe’n ard-phàrlamaid. Bha D. D. Mac-Coinnich, á Sidni Tuath, agus Niall I. Gillios, a Glace Bay, air an ainmeachadh. Cha do thagh na conservatives an daoine fhéin fhathast. Bidh an taghadh ann air an darra latha deug dhe’n ath mhios. Tha aon de na reiseimidean a chuir Canada do’n Transbhaal ri taghal ann an Sasunn air an turus dachaidh, agus tha e air innse gur h-iad a bhios aig Morair Roberts mar gheard pearsanta ’nuair a ruigeas iad Lunnuinn. Ma tha ’n sgeul sin fior, bidh na Canadaich ’ga mheas ’na urrainn mor. Tha “Bobs” cho measail aig na saighdearan ’s gu’m bi iadsan a gheibh a dhol mar gheard timchioll air air an togail gu mor nan sùilean féin ’s an sùilean chàich Tha a phàrlamaid ùr aig an àm so a seasamh mar a leanas. Tha tri siorrachdan anns nach robh an taghadh aca fhathast a thaobh iad a bhi fad air chul agus nach d’ rainig an t-òrdugh iad cho tràth ’sa rainig e na siorrachdan eile. Tha aon dhiubh sin an Ontario ’s a dha an Columbia Bhreatunnach. Lib. Con. Ind. Nobha Scotia 15 5 — New Brunswick 9 5 — Eilean a Phrionnsa 3 2 — Cuebec 57 7 1 Ontario 34 55 2 Manitoba 2 3 2 An Iar Thuath 4 — — Columbia Bhreatunnach 1 2 1 125 79 6 Tha mar so na liberals 46 na ’s laidire na na conservatives, agus 40 a bharrachd orra ged a rachadh na h-independents leotha; ach ’se ’s docha gu ’n teid a’ chuid is motha dhiubh sin leis an taobh a’s làidire. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN. Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. [TD 166] [Vol. 9. No. 21. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXI. MARSAIL NAN GAEL DO ’N TAOBH-TUATH. Air a’ chiad latha de chiad Mhios an Earraich, ghluais Tearlach agus mòr-fheachd an àirm Ghàelich gu tuath agus stad iad ma òidhch’ aig Dunblathain, ach thriall am Prionns’ beagan air aghaidh, agus dh’ fhan e rè na h-òidhche sin ann an Caisteal Dhrumainn tàimheach Dhiùc Pheairt. Air an ath mhadainn fhuair iad na ’n ròidean cho olc is gum b’ eiginn daibh pàirt dheth an cuid trealaich fhàgail as an deighe. Ràinig iad an òidhche sin cho fad air an aghaidh ri Cruidh’ agus chaidil am Prionns’ ann an taigh Mhorair Iain Drumainn am Baile-Ranaich. Air an lathairne-mhàireach, a b’ e ’n treas latha de ’n mhìos, chunnt Tearlach an àrmailt, agus fhuair e nach do theich urrad dheth na daoin’ air falbh sa’ bha e ’m barail. Chaidh an sin a shonrachadh gu ’n trialladh iad gu tuath nan dà chuideachd. Mhàrsail na Fineachan Gàelach agus am Prionnsa féin an rathad-mòr dìreach gu Inbheirneis, agus ghabh na réiseamaidean Machrach agus am marc-shluadh fo chomannda Mhorair Seòras Moireach an rathad timchioll a tha treòrachadh tro Shiorramachd Aonghais agus Obaraidhean. Bha ’n dà chuideachd gu chéile chodhlachadh ann am bail’ Inbheirneis. Air a’ cheart latha sin, bha Diùc Uilleam na stad a’ caradh drochaid Shruidhleadh a chum ’s gu ’m faigheadh an t-àrm-dearg air aghaidh, chaidh an drochaid sin a bhristeadh le Blackney air tùs a chogaidh ’chum na Gàeil a bha ’g éiridh leis a’Phrionns’ a chumail air an ais. An uair a b’ eiginn do ’n Diùc fantainn rè latha a’ càradh drochaid ma ’s faigheadh e féin agus armailt thar an abhainn, chuir am Prionns’ agus fheachd, iomadh bial-àth, agus dhìrich a’s thearuinn iad iomadh tulach a’s bealach, g’un umhail de dh’ fhuachd no dhoireann, a’ triall air an aghaidh tro gach cruadal gu Siùlbhlach, suilbhear, neo-acanach. An latha theich iad bharr an t-Sélibhe, cha ’n robh an dùic ach ma astar latha as an deighe, ach air an treas latha chual’ e gun robh an t-àrm Gàelach astar shia latha an ceann air, agus gum b’ann nan dà chuideachd a thriall iad dhachaigh—aon bhuidhean air an t-slighe dhìrich gu Inbheirneis, agus am bhuaidhean eile air rathad mòr an rìgh a ta dol timchioll eirthire cuain Mhontroise agus Obaraidhain. Chunnaic e nise gum bu diamhain da bhi leantuinn na ruaige aig an àm sin; bha ’n t-sion agus am fuachd an impis gasanan fuara reòta dheanamh dheth a’ chuid saighdearan: agus cha robh beanntaichean bàna sneachda na Gàeldachd a bha nise ’togail an cinn dhosracha ghailbheinn na shealladh a toirt dha uch beagan misnich a chum an tòir a leanntainn air luchd nam breacan. Air an aobhar sinn phill e air ais gu baile Pheairt, far an dh’ fhan e beagan laithean; ach cha b’ ann ri obair a ghaisgeich no ’n diùlanaich. Chuir e prasgan dheth na saighdearan ruadha suas air feadh Gàeldachd Pheairt a shàrachadh mnathan, clann, agus càirdean na h-aitean a dh’ éirich leis a’ Phrionns’, agus a thogail chreachan dheth an cuid spréidh a’s amhlainn. Thug iad iomadh dheth na chobhartaich so gu baile Pheairt, ni a reic iad ri muinntir a’ bhaile air son airgeid agus thòisich iad air roinn na criche sinn ann an lathair an Diùca féin! Ghlac iad air an turas gun chliù so, bainn-diùc’ Pheairt agus bainntighearna Shrath-Ailein, a thug iad leo mar phrìosanaich gu ruige Dunéideann, agus chum siad iad fo ghlais fad thrì mìosan anns a’ chaisteal! Air Di-dòmhnaich an siathamh latha diag de chiad mhìos an Earraich, ràinig Tearlach taigh na Mòidhe, tàimheach Mhic-an-Tòisich na Mòidhe, a tha ma thuaiream sia mìle diag bho bhail’ Inbheirneis. Bha Mac-an-Tòisich féin aig a cheart àm sin na cheann-armailt ann am feachd Righ Deòrsa, ach bha ’bhaintighearn aig a’ bhaile, bean-uasal fhoghainteach aig a robh mòr spéis do’n Phrionns’ agus a bha an deigh àireamh de Chlann-Chatain a thogail na aobhar, ’nuair a fhuair i Mac-an-Tòisich ás an dùthaich. Faodaidh sinn a mheas nach robh arigh a b’ fhearr leis a bhainntighearn’ thighinn a dh’ iarraidh cuid na h-òidhch’ oirre na Tearlach Stiùbhart, a bha i bho chian an geall aig fhaicinn. Bha rùn air a nise fantuinn ann an taigh na Mòidhe car beagan laithean gus an tigeadh an fheachd a bha mun àm so sgaoilte feadh na Dùthcha cruinn cuideachd, oir chaidh innse do Thearlach ann an so gun robh a nàmhaid Morair Loudon le seachd ceud fear ga fheitheamh ann am bail’ Inbheirneis. Ma chùig uairean sa’ mhadainn di-Dòmhnaich chuala Morair Loudon gun robh am Prionns’ ann an taigh na Mòidhe, gun a bhi còladh ris ach prasgan beag dheth a luchd-leanmhuinn. Mu ’n àm sin bha seana bain-tighearna Mhic-an-Tòisich a chomhnuidh ann an Inbheirneis, agus chual i gun dh’ fhalbh am Morair agus fheachd a chum na Mòidhe los am Prionns’ a ghlacadh. Air ball chuir i gill’ òg da ’m b’ ainm Lachunn Mac-an-Tòisich a thoirt fios do bhean a mic mu ’n chùis, Ghearr Lachunn Mac-an-Tòisich aithghearra talbhainn air feachd a Mhorair agus rainig e’ Mhòidhe na làn fhalas ma chuig uairean sa mhadainn dì luain, leis an naigheachd so:—Gun robh Morair Loudon, le cuig ceud fear ann an uighe mìle do thaigh na Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE. CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROGDEASHN-ACAH DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. [TD 167] [Vol. 9. No. 21. p. 7] Mòidhe. Air ball chaidh am Prionns a dhùsgadh agus a threòrachadh gu àite falaich ma bhruachan Loch Mòidhe far an tug Loch-iall agus cuid dheth na Gàeil a bha tigh’n na chodhail coinneamh dha; stad iad ann an ionad sin deas gu bualadh air feachd a Mhorair nam b’ fheudar dhaibh. Air an òidhche roimhe sin chuir bain-tighearna Mhic-an-Tòisich seiseir fhear air freiceadan, agus Dòmhnull Friseil, gobha dubh na Mòidhe, mar cheann orra. Chuir an gobha an armailt bheag so ann an òrdugh cho math ’sa dh’ fhaoda e; thug e orra laidhe sios a measg phreasan bealaidh a bha ri taobh an rathaid le gunnaidhean làna, agus gach aon uidhe araid bho chéile; dh’iarr e losgadh cho luath sa chitheadh iad coltas feachd a tighinn dlù dhaibh. Fa-dheoigh thàinig toiseach armailt a’ Mhorair ann an ionad urchair dhaibh, agus loisg an gobha an làn a bha na sheanna mhosg ghlagaich féin nan còdhail; agus air m’ aluinn, ged a b’e urchair h-eab a bha sin, cha b’ ann anns ’san fhraoch a chaidh am peileir!—mharbh e pìobaire Mhic-Leòid Dhùn-bheagain a bha cluich air fior thoiseach na feachda. Cho luath sa chuala còmpanaich a ghobha fuaim na làmhaich, loisg gach fear a ghuna féin, agus leònadh leo so triuir no cheathrar dheth an fheachd. Ghlaodh an gobha an sin le guth ard-labhrach:—“A Chlann Dòmhnuill, seasaibh air an laimh dheis, a Chlann Chatainn seasaibh air an laimh chlì, agus seasaidh mi-féin ’s na Frisealaich sa mheadhon, agus faiceam nach leig sibh anam beò dheth na ghràisg as, a thàinig air tì bhur Prionnsa gráidh a mhort.” Air cluinntinn so do dh-armailt a Mhorair shaoil iad gum b’e guth Loch-iall a chual’ iad, a toirt ordugh de mhor-fheachd a’ Phrionnsa tòiseachadh orra: ghlac maoim a’s uabhas iad gu léir, agus ann am priobadh nan sùl “chuir gach fear aghaidh air iòll ’sa clùl ri ain-eol” a pilltinn air an ais ann am mòr bhreisleich, a saltairt air muin a cheile, am fear bu laige bha e ’n iochdar, ’s am fear bu treise bha e ’n uachdar, agus cha do sheall iad aon uair as an deigh, gus an d’ fhàg iad an gobha agus àrmailt àireamh mhìltean air an cùl. Bha Tighearn òg Bhaile-nan-Gobhann fad iomadh bliadhna ann an armailt Rìgh Deòrsa agus ann an iomadh blàr fuileachdach ás na Rioghdan so, agus chualas e gu tric ag aithris, nach fac e riabh ruaig cho dorainneach ri “Ruaig na Mòidhe.” Chaidh sgeul air euchd a’ ghobha a’ ghiùlan a dh’ ionnsaidh Thearlaich: an sin dh’ fhag e-féin, agus a luchd-leanmhuinn an ionad fhalaich, agus chaidh iad le mor ghàirdeachas gu ’m biadh-maidhne gu taigh na Mòidhe. Air an latha sin féin an t-ochdamh de chiad mhìos an Earraich, fhuair Tearlach cuid mhath dheth an àrmailt cruinn, agus ghabh e air aghaidh do bhaile Inbheirneis, ni ’thug air Morair Loudon teicheadh le choig ceud diag fear a null thar Port Cheasaig gu Shiorramachd Rois. Bha Morair Seòras Moireach a nis air tighinn leis na réiseamaidean Macrach agus leis na marcaich. Fhuair am Prionns’ a nis’ armailt aon uair eile cruinn, agus thòisich iad air séisd a chuir ri gearasdan Air-nan-Saor. Fo ceann dà latha ghéill an gearasdan agus fhuair iad ann ma thuaiream ceud baraille feòla, &c., ni a rinn mòran fuasglidh air feum an àirm. (Ri leantuinn.) Iadsan a Phaigh. Oighrig Nic Aoidh, Beinn a Mharmoir. Tormad Mac Ascuil, Sidni. Alasdair Mathanach, Malagawatch. Bean Lachuinn Mhic Gille-mhaoil, Loch Ainslie. Aonghas Domhnullach, Amhuinn a Tuath. Anna Mhathanach, Valley Mills. Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien. M. R. Mac Neill, Benacadie. Lachuinn Mac Gilleain, Orangedale. Calum Mac Leoid, Orangedale. Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett. Mairi Nic Gill-fhaollain, Braigh Mhargaree. Iain Mac Fhionghain, (Taillear), Sidni. Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Sidni. Micheal H. Domhnullach, Sidni. Eoseph S. Mac Dhuibhi, Sidni. Sim A. Gillios, B. C. Chapel. Catriona Sheathach, Grand River. Iain Mac Coinnich, Gut Mhira. Lachuinn Domhnullach, Milton. D. I. Domhnullach, Bridgeport. Iain N. Domhnullach. Sidni Tuath. Iain Mac Amhlaidh, (Eildear), Port Morien. Bean Iain D. Mhic Fhionghain Kirkwood. Micheal Mac Neill, Glengarry Valley. Uilleam Domhnullach, Marion Bridge. Aonghas Mac Cuithein, Framboise. Coinneach A. Mac Leoid, Framboise. Eos A. Mac Fhionghain, Narrows Mhora. Donnacha Mac Griogair, Amhuinn a Deas, N.S. An t-Urr. Iain I. Siosal, Pictou, N.S. Calum Mac Mhannain, Braidalbainn, E. P. I. Cailean Mac Gilleain, McLennan P. O., Ont. Iain Dughalach, Sowerby, Ont. Aonghas Johnson, Park Hill, Ont. Bean Aonghais Bhell, Wiarton, Ont. Daibhidh Spence, Toronto, Ont. Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont. Calum Deora, Dunbheagain, Ont. Aonghas Mac Fhearghais, Port Hammond, B.C. A. B. Mac Leoid, Plymouth Tuath, Mass. D. I. Mac Pharlain, San Francisco, Cala. Iain Mac-a-Phearsain, Somerville, Mass. H. A. Mac Gillebhrath, Ashtola, Penn. Domhull Mac-an-Toisich, Greenleaf, Michigan. D. Mac Coinnich, Amhuinn Mhitchell, E. P. I. Gilleasbuig Nac Phaidein, Hogomah. Lachuinn Mac Guairi, Amhuinn Mheadhonach Iain Domhnullach, Beinn Mhic-Gill-Andrais. Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac. BAS. —Aig Eilean Christmas, air an 17mh latha de Nobhember, Catriona, bantrach Ailein Mhic Neill. an greusaiche, aig aois ceithir fichead bliadhna ’sa sia. Rugadh i aig a Cheann Dearg, an siorrachd Victoria, agus bu nighean i do Ailean Mathanach. R. I. P. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’00—1yr. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 168] [Vol. 9. No. 21. p. 8] CUMHA. LE NIALL MAC-AN-ABA. Do Mhàrtuinn Màrtuinn, do ’m bu cho-ainm Màrtuinn Mor a Bhealaich. Nam b’ fhear facail no dàin mi Bho’n la thiodhlaiceadh Màrtuinn ’sa chìll, Mar chuimhneachan bàis ort Bheirinn greis air do nàdar math ìnns’. Cho fada ’s a b’ eol dhomh Bha gach teisteanas mòr air do thì; ’S mairg fin’ as an d’ fhalbh thu ’S a liuthad deagh ainm air do ghniomh. ’S còir dhomh labhairt neo-chearbach Ann an toiseach mo sheanachais ’thoirt bhuam, Mu ’n og mhisneachail, chliuiteach, So a thog iad air ghiulan Di-luain. Gu ’n robh silteach gu siubhlach A tuiteam bho shùilean dhaoin’ uaisl’, Bho ’n la ’chuir iad ’s an ùir thu, Ann am fois bho nach dùisg thu a suas. Bu tu ’n gasan neo-lapach, Gu ’n robh rogha gach mais’ ort, a laoich; Nam bu treun anns an fheachd thu Bhiodh tu ainmeil mar ghaisgeach aig daoin’. ’S mairg a bhagradh an dòrn ort Nan cuireadh tu ’n tòrachd ga thaobh; Cha robh fear a thoirt cùis dhiot, Mar mo bharail, an tùbh so de ’n chaol. Gaol peathar, gaol bràthar, Gaol athar is màthar gun cheist, Gaol mna oig agus leannain Mar nach faodadh iad fhalach no chleith, Gaol na mnatha ’thug cioch dhuit, ’S mu ’n ghniomh sin cha b’ aireach i dheth; Bha sud agad a Mhàrtuinn, ’S tha iad uil’ air an cràdh as do leth. ’S beag an t-ionghnadh do mhàthair ’Bhi gun aighear, gun slàinte, gun sunnd; Is a sùilean bhi dòrtadh Ri sior shileadh nan deoir os do chionn. Gur h-i naidheachd na Ciadain A bhrosnaich gu liathadh a cùl, Mu ’n fhiuran ghlan, chiatach, Dha ’n robh tuigs’ agus riaghailt mhic Diuc. ’S beag an t-iongnadh do chéile A bhi airsnealach, eisleineach, tinn; ’S a bhi tric ort a’ smaointinn, ’S a bhi ’cadal gle aotrom ga chinn. Chaill i companach guailne ’S an robh tuigs’ agus uaisle mhic righ; Gur a h-iomad bean uasal A bha caoidh an fhir shuairc ’tha ga dìth. ’S ann an toiseach a gheamhraidh A fhuair do dheagh chleamhnan an sgath; Chaill iad ceile na baintighearn, Ort bha ’n aghaidh gun sgraing air dheagh dhreach. An àm cruinneachadh nan uaislean, Ort a thigeadh gach tuairisgeul ceart, ’S tu lan modh agus eolais An àm suidhe mu ’n bhord ann an sreith. Bu tu marcach nan steud-each, Cha robh ’n taobh-sa Dhuneideann na b’ fhearr; Gu ’m bu tlachdmhor thu ’d dhiollaid Air each cruitheach mor briagha ’chinn àird, ’Nuair a bhiodh tu air Ghalltachd, ’S tu gu ’m buidhneadh an geall leat thar chàich; Bu leat urram gach reise, ’Fhir mhoir mhacant’ bu bheusaiche gnaths. ’S mor an naidheachd am bliadhna Gu bheil Lachasa riabhach gun cheann; Ge b’ e rachadh ga fiachainn, Tha a seoltan ’s a riaghailt air chall, Tha a h-uaislean ’s a h-ìslean A sior-ionndrainn an fhirein a bh’ ann. Ged a rinn mi sud innse, Cha do chuir mi ceann-crich air mo chainnt. Co a sheall ann ad aodunn Nach deanadh deagh fhaoilte ri d’ ghnàs. ’S mor na bh’ ort de luchd ionndrainn An àm suidhe ’s a chuirt ’s an taigh bhàn. Bha do ghnothaichean seasmhach, ’S gu ’m bu lionmhor ort teisteanas àrd; Dh’ fhàg thu uile iad an riaghailt Mar a dheanadh neach iarraidh roimh ’n bhàs. Bha thu foghainteach, làidir, Bha thu iriseal, tàbhachdach, ciuin; Dreach an t-samhraidh mar shnuadh ort, Cha robh ainneart no fuachd ann ad ghnùis, Fiamh a ghaire air do mhala, ’S bu phailt blàths ann an sealladh do shùl, ’S mor an leon ’thug do bhàs As a mhuinntir a dh’ fhàg thu ’s an Dùn. Ciod a bhuaidh a bh’ air duine Nach robh suas riut bho d’ mhullach gu d’ bhròig’. Bha thu macanta, siobhalta, Cha togadh tu strith ’s an taigh-òsd’; Lan de cheill is de ghliocas, Lan de dh-eolas ’s de thuigse ’bha mor; Cuimhneach, sealltuinneach, rianail, ’S cha robh mealladh am briathraibh do bheoil. ’S ann na laighe gun éirigh Tha ’m fear mòr nach d’ rinn eucoir air neach; Gu ’n robh tuigs’ agus reusan A streup riut le cheile mu seach. Bha thu ceannsgalach, treubhach, Bu leat urram nan ceud air an fhaich’; Bha thu modhail, lan eolais, Is a h-uile ni còir ann ad bheachd. Bha thu caoimhneil gun àrdan, ’S tu a sior chur do chairdeis an liad; Bha thu iochdmhor, ro bhaigheil Ris gach duine ’bha ’n sàs agad riamh. ’S i mo bharail gu làidir Gu bheil t’ anam làn shàbhailt’ aig Dia; ’S iomad beannachd le dùrachd ’Bha, ’n uair dh’ fhalbh thu, gu ’chùirt leat a’ triall. Bha thu ’t iasgair ’s ad shealgair, Gun robh cuimse gun chearb ann an laimh; ’S i do shuil bu ghlan dearcadh, Cas thu dhìreadh ’s a dh’ astar nam beann. Anns a h-uile deagh chleachdadh Bha do shuil is do thlachd gu fior theann; ’S bho ’n la ’chaidh thu fo ’n fhuar-lic Tha do chàirdean bochd truagh dheth mu ’n call. AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Clocaichean. A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha. Clocaichean Dusgaidh o $1.00 suas. Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas. Clocaichean Seomar-suidhe o 5.50 suas. Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas. Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn. BEZANSON, An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 169] [Vol. 9. No. 22. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 30, 1900. No. 22. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. LE IAIN. CAIB. IV. “A’ MHIC, CUIMHNICH.” AIDICHIDH gach neach anns am bheil tùr is ciall is gliocas, agus anns am bheil a’ bheag no mhòr de sholus spioradail, gu ’n d’ rinn Dia na h-uile nithean gu ro mhath. Ach ged a dh’ aidicheas daoine so, gidheadh tha e ’na chleachdadh cumanta am measg dhaoine a bhith ’faotainn coire do dh’ obair a’ Chruithfhir, agus a bhith ’g iarraidh fios air nithean a chunnaic Dia, ’na ghliocas siorruidh, iomchuidh a chumail an cleith orra. Is e cuimhne air nithean a chaidh seachad aon de na buadhan cho luachmhor ’s a bhuilich Dia air a’ chinne-daon. Ach b’ fhearr le mòran fios fhaotainn mu na nithean a tha gu tachairt dhaibh fhein ’s do mhuinntir eile, na cuimhne a chumail air na beachdan faoine agus na cleachdaidhean amaideach, suarach, a bh’ aca fhein ’s an àm a dh’ fhalbh, agus a bha mar an ceudna aig na daoine o’n d’ thàinig iad. Cha ’n ’eil ni a ’s soilleire air a theagasg dhuinn anns a’ Bhìobull na gu ’m bheil Dia anabarrach diùmbach do ’n mhuinntir a tha ’n geall air fiosachd. Faodaidh sinn a chreidsinn gu ’n robh Dia comasach air ar cruthachadh air a leithid de dhòigh ’s gu ’m biodh fios againn air na nithean a tha ri teachd, agus nach biodh cuimhne sam bith againn air na nithean a chaidh seachad. Nam b’e so an dòigh a b’ fhearr, faodar a bhith cinnteach gu’n do ghnàthaich Dia i; ach o nach do ghnàthaich e i, tha sinn làn-chinnteach nach robh i ceart. Ma bheir sinn fa near a’ chùis car tiotaidh, tuigidh sinn gu’m bheil a’ chuimhne air aon de na buadhan air am bheil Dia ag oibreachadh gu cumhachdach le ’fhacal agus le ’Spiorad. Nach ann le eachdraidh a tha cuimhne dhaoine air a beothachadh ’s air a neartachadh ann an tormhas mòr. Nach e eachdraidh a th’ anns a’ chuid a ’s mò dha na bheil anns a’ Bhìobull? Nach ’eil so a’ teagasg dhuinn gu ’m faod sinn mòran eòlais agus gliocais, agus fiosrachaidh fhaotainn o bhith, gabhail beachd air dòighean agus cleachdaidheanh nan Gàidheal a bh’ ann anns na làithean a dh’ aom mar a gheibh sinn o bhith ’gabhail beachd air dòighean agus cleachdaidhean nan Eiphiteach, nan Canaanach, nan Asirianach, agus nan Israeileach? Ann an leabhar naomh Dhé, tha cunntas againn air beachdan agus cleachdaidhean dhroch dhaoine; agus tha eadhoin breugan, agus buairidhean, agus meallaidhean, agus cuilbheartan shàtain air an cur gu soilleir fa ’r comhair ann. Mur biodh so feumail dhuinn, cha bhiodh e air òrdachadh le Dia. An duine anns am bheil tùr agus gliocas, gheibh e fiosrachadh o eachdraidh dhroch dhaoine mar a gheibh e o eachdraidh dhaoine matha. Anns a’ chairt-iùil, tha na sgeirean air an robh soithichean air am bristeadh air an comharrachadh am mach a cheart cho math ’s a tha na callachan sàbhailte anns am faigh an long fasgadh agus tearuinteachd an uair a dhùisgeas a’ ghaillionn agus an stoirm. Tha na h-uile a thug a’ chùis fa near le cùram a’ creidsinn, gu ’m biodh e anabarrach feumail dhuinn a bhith na b’ eòlaiche air beachdan an t-sluaigh, agus air cor na dùthchadh ’s an àm a dh’ fhalbh na tha sinn. Tha na nithean so ri ’n toirt fa near, cha ’n ann a chum gu ’n leanamaid anns gach ni, cos-cheuman na muinntir a dh’ fhalbh, ach a chum gu ’n tuigeamaid na ’s fhearr gu ’m bheil sinn fhein air ar cuartachadh le iomadh sochair luachmhor nach robh idir acasan, agus gu ’m bu chòir dhuinn, air an aobhar sin, a bhith air thoiseach orrasan ann an gliocas, ann an tuigse, ann an spioradalachd, agus ann an taingealachd. Faodar a thoirt fa near an so, gu ’m bheil inntinnean an t-sluaigh ann an cumantas an diugh mar a bha inntinnean an t-sluaigh a bh’ ann o chionn tri fichead bliadhna. Tha breugan, brosgul, cùl-chàineadh, sannt, mealltaireachd, agus fuar-chràbhadh na ’s pailte am measg dhaoine an diugh na tha iomadh neach an dùil. Tha na bheil againn ri innseadh mu dhaoine a bh’ ann o chionn tri fichead bliadhna fìor gu leòr; agus dh’ fhaodamaid an tuilleadh innseadh, nam biodh e feumail. An uair a bhios sinn a’ leughadh a’ Bhìobuill, abradh gach aon dhinn, “Am bheil na briathran so ann an dòigh sam bith a’ freagairt ormsa?” Agus ged nach ’eil sgrìobhadh sam bith ri bhith air a choimeas ris na bheil anns a’ Bhìobull, abramaid, an àm a bhith ’leughadh nan duilleagan so, “Am bheil sinne na ’s fhearr, na na ’s miosa, na na daoine air am bheil cunntas againn anns an sgeul so?” Am feadh ’s a tha e iomchuidh dhuinn amharc air an sgeul mar eachdraidh, feuchamaid ris gach ni olc a chi sinn air aithris ann a sheachnadh; agus ma chi sinn ni ann a ’s fhiach a ghabhail mar eisimpleir, gabhamaid mar sin e. Bheir an seillean mil as an lus anns am bheil am puinnsean, agus bheir an duine glic, tuigseach, geurchuiseach, foghlum agus gliocas as gach ni a chi, a chluinneas, agus a leughas e. Ach feumaidh sinn a nis a dhol air aghart leis an sgeul. Cha deachaidh Lachlainn a steach cho luath ’s a bha dùil aig a mhnaoi ris; oir thainig beagan maille air anns an stabull. An uair a dh’ fhalbh e o ’n taigh ’s a’ mhadainn, bha e ’na bheachd fuireach a’ buain an fhraoich gus am biodh an dubh-oidhche ann. Air an aobhar sin thug e leis gach sùgan a bh’ aige, agus ceanglaichean nan each mar an ceudna, gus na sopagan fraoich a cheangal. Agus cha ’n fhaigheadh e na h-eich a cheangal gus an do chuir e na ceanglaichean air dòigh mar a bha iad roimhe. Bha a’ mhaille so gu mòr ann am fàbhar na mna; oir fhuair i ùine gu leòr gus gach ni a bhuineadh do ’n chuirm a chur as an t-sealladh. An uair a chaidh Lachlainn a steach an déigh dha na h-eich a cheangal, agus fodar a thoirt dhaibh, bha am biadh deas air a choinneamh. Bha ’phoit tì ann an oir an teine, agus thog a chridhe rithe an uair a chunnaic e i. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is geur fiacail o ’n fhraoch,” agus bha geurag mhath air Lachlainn air an fheasgar ud. “Tha mi ’faicinn gu ’m bheil am biadh deise agad, a Chatriona, ged a thainig sinne dhachaidh na bu tràithe na bha dùil againn. Cha ’n ’eil fhios agam fhein c’ uin a bha mi cho toilichte a’ phoit tì ’fhaicinn ri taobh an teine ’s a tha mi nochd fhein. Tha mi gus mo tholladh leis an acras, agus tha mi gle sgìth,” arsa Lachlainn. “Greas thusa air do lamhan a nigheadh. Tha greis o ’n a chuir mise an tì ann an tarruinn. Cha ’n fheairrd i bhith tuilleadh is fada ri taobh an teine idir,” arsa Catriona. “Ma chuireas tusa siucar is uachdar gu leòr innte, bidh i math gu leòr leamsa. Is mise am fear nach gearain oirre ged a bhiodh i cho tiugh ’s cho dubh ri sùgh na roide.” “Cha robh fear gun dà latha, ach fear gun lath’ idir. Agus bha latha ann anns nach cuireadh sealladh dhe ’n phoit tì aoidh sam bith air do ghnùis.” “Riamh o ’n latha ’theab mi bhith marbh le goirteas mo chinn, agus a leighis thu fhein mi le cupa math làidir tì, tha creideas agàm innte,” arsa Lachlainn. “Tha mi glé thoilichte gu ’m bheil a leithid de mheas agad air an tì; oir gheibh mi fhein cupa math dhi uair is uair air do shaillibh. Tha dòchas agam gu ’n toir thu dhachaidh punnd dhe ’n tì cho math ’s a th’ ann am bùth a’ Ghriogalaich; oir tha am beagan a thainig dhachaidh mu dheireadh air thuar ruith am mach,” arsa Catriona. “Ma bheir mise dhachaidh tì, is ann air do shon-sa, agus air mo shon fhein. Cha ’n ’eil feum aig a’ chloinn air tì idir; agus mu dheidhinn na searbhanta, thig i gu math as a h-aonais. Agus tha mi am muigh ’sam mach an aghaidh dhut a bhith ’deanamh tì do na h-uile cailleach a thig an rathad. Bheiread cuid dhe na cailleachan a ’s aithne dhomhsa an leith-shùil air son cupa tì, mar a thug an cat air son a’ bhainne. Ach mur deanadh iad de chron ach cupa tì òl, cha bhithinn a’ gearain. Mar a tha ’m facal ag ràdh, ‘Cha ’n fhiach a’ chuirm gun a còmhradh;’ agus cha ’n òlar an tì le tlachd mur bi naigheachdan na duthchadh air an aithris an àm a bhith ’g a h-òl.” “Cha ’n ’eil duine sam bith nach fheum naigheachd innseadh uair no uaireiginn. Is beag orm fhein daoine dùinte, gruamach aig nach bi facal ri radh. Cha chreid mi gu ’m bheil a’ bheag de thlachd aig duine sam bith dhiubh,” arsa Catriona. “Tha meas aig gach neach anns am bheil tùr air daoine aoidheil, foscarra, comhraiteach, a dh’ innseas sgeul fìrinneach, agus nach tog tuaileas no droch sgeul air an coimhearsnaich. Ach cùl mo làimhe ris na mnathan a shuidheas mu ’n bhòrd a dh’ òl na tì, agus a bhios gu brosgalach, breugach, giodalach, sodalach, tuaileasach ’nan comhradh, agus a their riut, an uair a dh’ innseas iad dhut a h-uile naigheachd a’s lugha bonn ’s is breugaiche na cheile, ‘Feuch a nis nach toir thu guth ri duine [TD 170] [Vol. 9. No. 22. p. 2] gu ’n d’ innis mise sid dhut.’ Creid thusa mise, no na creid, ach tha mise ’g innseadh dhut, gu ’n toir a h-uile te a bheir naigheachd ugad, naigheachd uat,” arsa Lachlainn. Fhad ’sa bha Lachlainn ag innseadh a bheachd air na mnathan a bhiodh ag òl na tì, bha Catriona a’ gabhail an eagail gu ’n do ghabh e amhrus gu ’n robh cuirm aice fhein ’s aig an dithis mhnathan eile. Thainig luaths air a cridhe, agus bhrùchd a fuil ’na h-aodann. Agus mur b’ e gu ’n robh Lachlainn cho trang a’ gabhail a bhìdh ’s nach do sheall e oirre aig an àm, dh’ fhaodadh e aithneachadh oirre gu ’n robh i ciontach do ni eiginn. “Cha chuireadh na bheir mise de thì dha na cailleachan call air duine sam bith. Is leasg leam a bhith doichleach ri mnathan bochda ’thig thun an taighe aig àm bìdh. Bheir thu fhein cuireadh uair is uair do dhaoine gu tighinn thun an taighe. Rinn thu sin an uiridh, an uair a thachair am marsanta-paca riut shìos aig an amhainn. Cha ’n ’eil mise an aghaidh dhut sin a dheanamh uair sam bith; oir tha e air iarraidh oirnn aoidheachd a thoirt do choigrich,” ars’ ise. “Ma ta, Chatriona, mur do mheall mo bharail mi, is ann air shaillibh na h-aoidheachd sin a fhuair mise cead a dhol do ’n Ghlaic Mhoir a bhuain an fhraoich an diugh.” Anns an fhacal thainig an t-searbhanta steach is i an deigh an crodh a chur do ’n bhàthaich, agus chaidh stad air a’ chomhradh a bh’ eadar Lachlainn agus a bhean. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. BEDER, PRIONNSA PHERSIA. CAIB. XII. Feumar a nis tilleadh ri Beder. Mar a dh’ ainmicheadh mar tha, dh’ fhagadh air eilean e ’s e ann an riochd eoin. O ’n a bha ’thur ’s a chiall aige mar dhuine, bha ioghnadh gu leor aige dhe fhein. Ged a bha e gle mhi-shona a chionn e bhith ann an riochd eoin, bha e moran na bu mhi-shona a chionn nach robh fhios aige c’ait’ an robh e, no co an taobh a bheireadh e ’aghaidh gus a dhol do rioghachd Phersia. Ach ged a bhiodh fios aige air an rathad bu choir dha ’ghabhail, agus cho math ’s a rachadh aige air falbh air iteig tarsuinn a’ chuain mhoir gus an ruigeadh e Persia, cha deanadh e math sam bith dha; oir cha chreideadh duine sam bith a chitheadh e gu ’m bu righ e. Cha robh aige ach fuireach far an robh e, agus e fhein a chumail beo cho math ’s a dh’ fhaodadh e leis a’ bhiadh a bhiodh na h-eoin ag itheadh, agus an oidhche chur seachad ann an craoibh. An ceann beagan laithean thachair gu ’n d’ thainig eunadair le linn ’s le ribeachan do ’n aite anns an robh e. Bha aoibhneas mor air an eunadair so an uair a chunnaic e an aon eun bu bhoidhche a chunnaic a shuil riamh ag itealaich gu socrach am measg nan craobh, agus chuir e roimhe gu ’n glacadh e e na’m b’ urrainn e. An deigh dha iomadh oidhirp a thoirt air an eun bhoidheach a ghlacadh, ghlac e mu dheireadh e. Bha e anabarrach aoibhneach an uair a fhuair e greim air, gu h-araidh a chionn nach fhacas riamh eun dhe ’sheorsa anns an duthaich ud. Chuir e ann an eun-lann e, agus dh’ fhalbh e leis do ’n bhaile. An uair a rainig e am margadh, thachair duine ris a dh’ fheoraich dheth ciod a bhiodh e ’g iarraidh air an eun. An aite freagairt a thoirt dha, is ann a dh’ fheoraich e dheth ciod a bha e gus a dheanamh ris an eun an deigh dha cheannach. “Ciod a tha duil agad a ni mi ris ach a rostadh agus itheadh?” ars’ an duine. “Ma ’s e sin a tha thu gus a dheanamh ris,” ars’ an t-eunadair, “is cinnteach gu ’n saoil thu gu ’m bi mise paighte gu leor ma bheir thu dhomh bonn beag airgid air a shon. Ach tha ’n t-eun na ’s luachmhoire na sin ’nam shealladh-sa. Cha tugainn dhut e ged a bheireadh tu dhomh bonn oir air a shon. Ged a tha mi ’nam sheann duine, cha ’n fhaca mi riamh fhathast eun eile dhe sheorsa. Tha e ’nam bheachd a thoirt mar thiodhlac do ’n righ. Bidh fhios aige-san air luach an eoin na ’s fhearr na th’ agadsa.” Gun dail sam bith dh’ fhalbh an t-eunadair direach pu ruige luchairt an righ, agus an uair a rainig e sheas e mu choinneamh an t-seomair anns am bu ghnath leis an righ a bhith ’na shuidhe. Thachair gu ’n robh an righ aig an àm ’na sheasamh aig uinneag an t-seomair far am faiceadh e gach ni a bhiodh a’ dol air aghart anns a’ chuirt a bh’ air beulaobh na luchairt. Ghrad thug e an aire do ’n eun bhoidheach a bh’ aig an eunadair, agus chuir e oifigeach am mach gus a cheannach. Dh’ fheoraich an t-oifigeach dhe ’n eunadair ciod a bhiodh e ’g iarraidh air son an eoin. “Ma ’s ann do ’n righ a tha thu ’dol g’a cheannach, tha mi gu h-umhail a’ guidh’ air gu ’n gabh e uam e mar thiodhlac, agus bheir thusa g’a ionnsuidh e,” ars’ an t-eunadair. Thug an t-oifigeach an t-eun thun an righ. An uair a chunnaic an righ gur e eun annasach a bh’ ann, dh’ ordaich e deich buinn oir a thoirt do ’n eunadair. Bha ’n t-eunadair gle thoilichte leis na fhuair e, agus dh’ fhalbh e. Dh’ ordaich an righ an t-eun a chur ann an eunlann a bha anabarrach mor, maiseach, agus gran is uisge a chur dha ann an soithichean oir. Anns an àm bha ’n righ a’ deanamh deiseil gu falbh a shealgaireachd, agus cha robh uine aige gus beachd ceart a ghabhail air an eun. Ach cho luath ’s a thainig e dhachaidh, thugadh an t-eun g’a ionnsuidh. Thug an righ an t-eun as an eun-lann, agus chuir e ’na sheasamh air a bhois e. An uair a bha e greis a’ beachdachadh air, dh’ fheoraich e am fac’ iad ag itheadh rud e. “Le ’r cead, a righ,” ars’ an t-oifigeach, “faodaidh sibh fein ’fhaicinn nach do bhlais e air a’ bhiadh no air an deoch a thugadh dha.” An sin dh’ ordaich an righ caochladh sheorsachan bidh a thoirt g’a ionnsuidh a chum gu ’n itheadh e an seorsa ’b’ fhearr leis. Thachair aig an am ’s an d’ thug an righ an t-ordugh so seachad, gu’n robh an dinnear air a cur air a’ bhord do ’n righ. Agus an uair a chunnaic an t-eun so, chrath e ’sgiathan, agus leum e bhar lamh an righ thun a’ bhuird, agus thoisich e ri sgrobadh an arain agus a’ bhidh eile a bh’ air a’ bhord. Chuir so ioghnadh gu leor air an righ. Ghrad chuir e fios air a’ bhanrigh gus i thighinn a steach a dh’ fhaicinn an ioghnaidh. An uair a chual’ i mar a bha, ghrad thainig i steach. Ach cha bu luaithe chunnaic i an t-eun na chuir i srol air a h-aghaidh, agus thionndaidh i gu falbh am mach as an t-seomar. Chuir so ioghnadh air an righ. Agus o nach robh anns an t-seomar ach na mnathan-coimhideachd agus na caillteanaich, dh’ fheoraich an righ dhith, c’ar son a chuir i srol air a h-aghaidh. “Mo thighearna,” ars’ a bhanrigh, “na cuireadh na rinn mise ioghnadh sam bith oirbh. Cha ’n e eun nadarra ’tha n sin idir. Is e th’ ann duine ann an riochd eoin.” “A bhaintighearna,” ars’ an righ, agus barrachd ioghnaidh air na bh’ air roimhe, “is ann a’ fanaid orm a tha thu. Cha toir thu ormsa gu brath a chreidsinn gur urrainn do dhuine a bhith ’na eun.” “Mo thighearna, is fhad a ghabhadh e uamsa teannadh ri fanaid air bhur morachd. Is i an fhirinn ghlan a dh’ innis mi dhuibh. Theid mise am bannadh dhuibh gur e Beder, righ Phersia a th’ ann. Is mac e do Ghulnara, nighean an righ aig an robh an rioghachd cho mor ’s cho cumhachdach ’s a bha riamh anns a’ chuan. Is e Saleh a tha nis a rioghachadh, brathair a mhathar, agus is ogha e do ’n bhanrigh Farashe. B’ e Guhara, nighean righ Shamanndail, a chuir ann an riochd eoin e.” A chum nach cuireadh an righ teagamh sam bith anns na bha i ag radh ris, dh’ innis i dha a h-uile car o thoisich gu deireadh mar a thachair do Bheder, agus gur ann mar dhioghaltas air son mar a rinn righ Saleh air a h-athair a chuir Guhara Beder ann an riochd eoin. O ’n a bha fhios aig an righ gu ’n robh a’ bhanrigh cho foghluimte ann an ealain na draoidheachd ri h-aon a bha beo, thug e tomhas mor de chreideas do na dh’ innis i dha. Agus o ’n a bha fhios aig air gach ni a bha ’tachairt anns an t-saoghal, bha e ’n comhnuidh comasach air fios fhaotainn ann an àm air gach olc a bhiodh righrean eile a’ smaointeachadh a dheanamh air, agus mar sin bha comas aige air bacadh a chur orra. Bha truas aige ri righ Phersia, agus ghuidh e gu durachdach oirre gu ’n togadh i dheth na geasan. Bha ’bhanrigh toileach gu leor so a dheanamh “Mo thighearna,” ars’ ise, “ma ’s e bhur toil e, thugaibh leibh an t-eun do bhur seomar fhein, agus nochdaidh mise dhuibh righ a tha airidh air meas fhaotainn uaibh.” An uair a chual’ an t-eun an comhradh a bha eadar an righ ’s a’ bhanrigh, sguir e a dh’ itealaich. Agus an aite leigeadh leis an righ a thoirt a steach d’ a sheomar fhein, is ann a choisich e steach ann leis fhein. An uine ghoirid thainig a’ bhanrigh a steach agus soitheach lan uisge aice. Labhair i briathran os cionn an t-soithich uisge nach do thuig an righ, ach a thug air an uisge ’bhith goil. Thog i boiseag dheth, agus chrath i air an eun e, agus thuirt i, “Le buaidh nam briathran naomha, diomhair so a labhair mi agus ann an ainm Cruithfhear nan neamhan agus na talmhainn, a tha dusgadh nam marbh, agus a tha ’cumail suas a’ chruinne-che, na bi na ’s fhaide ann an cumadh eoin, ach gabh g’ ad ionnsuidh an cumadh a thug an Cruithfhear dhut.” Mu ’n gann a leig a’ bhanrigh na facail so as a beul, chunnaic an righ an t-eun a bha air a bheulaobh air a chruth-atharrachadh gu prionns’ og cho maiseach cumadh, agus cho eireachdail dreach ’s a chunnaic a shuil riamh. Anns a’ mhionaid leig Beder e fhein ’na shineadh air a ghluinean agus thug e tainig do Dhia air son an fhabhair a chaidh a bhuileachadh air. An uair a thug an righ a lamh dha gus a thogail ’na sheasamh, thug e pog dh’ a laimh mar chomharradh air a thaingealachd dha. Rug an righ air ’na ghairdeanan le mor aoibnneas, agus leig e ris dha gu ’n robh toileachadh mor aige an uair a chunnaic e e air atharrachadh gu cruth duine. Ged a bha toil aig Beder tainig a thoirt do ’n bhanrigh air son an fhuasglaidh a thug i dha, cha d’ fhuair e cothrom air so a dheanamh; oir dh’ fhalbh i am mach as an t-seomar gun fhios dha. Thug an righ air suidhe comhladh ris aig a’ bhord, agus an deigh na dinnearach ghuidh e air gu ’n innseadh e dha cionnas a b’ urrainn Guhara a [TD 171] [Vol. 9. No. 22. p. 3] bhith cho cruaidh-chridheach ’s gu ’n cuireadh i prionns’ og, maiseach mar a bha e ann an riochd eoin. Dh’ innis righ Phersia dha a h-uile car mar a thachair o thoiseach gu deireadh. An uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri ’innseadh, bha ’n righ air a bhrosnachadh cho mor ’s nach b’ urrainn da gun choire ’chur air Guhara. “Gun teagamh sam bith,” ars’ an righ, “tha i ri moladh air son an dragha ’s a’ churaim a bh’ oirre mu dheidhinn mar a thachair dh’ a h-athair; ach mu dheidhinn an dioghaltais a rinn i air prionnsa aig nach robh coire sam bith ris mar a thachair, cha ’n urrainn d’ i i-fhein a shaoradh o chionta. Na biodh an tuilleadh comhraidh againn mu dheidhinnn a’ ghnothaich so, ach innis dhomh, tha mi guidhe ort, cia mar a theid agam air cuideachadh a dheanamh leat.” “Mo thighearna,” fhreagair righ Beder, “tha mi fo leithid de chomain do bhur morachd ’s gu ’m bu choir dhomh fuireach maille ribh fad uile laithean mo bheatha mar chomharradh air mo thaingealachd. Ach o nach ’eil crioch air a’ chaoimhneas a tha bhur morachd toileach a nochdadh dhomh, tha mi ’guidhe oirbh gu ’n toir sibh dhomh long gus mo thoirt gu ruige Persia. Tha eagal orm gu ’m faod an uine fhada a tha mi air falbh as mo rioghachd a bhith ’na mhathair-aobhair air ar-am-mach a thogail am measg an t-sluaigh, agus gu ’m faod mo mhathair, o nach d’ innis mi dhi gu ’n robh mi ’falbh as an rioghachd, a bhith dluth air a’ bhas le bron, o nach ’eil fhios aice co dhiubh a tha mi beo no marbh.” Dheonaich an righ dha ga toileach long a chur leis gu ruige Persia, agus ghrad thug e ordugh an long-chogaidh bu mho a bh’ aige fhaotainn fo a lan-uidheam, agus na seoladairean a b’ fhearr a bh’ anns an rioghachd a chur air bord innte. Ann an uine ghoirid fhuaradh long fo a lan-uidheam. Chuireadh biadh gu leor air bòrd, agus gach inneal-cogaidh a shaoileadh iad a bhiodh feumail. An uair a fhuair iad soirbheas fabharrach, sheol iad. Mu ’n deachaidh Beder air bord, thug e mile taing do ’n righ air son a liuthad caoimhneas a nochd e dha. Fad deich latha fhuair an long soirbheas cho fabharrach ’s a’ b’ urrainn do neach sam bith iarraidh. Air an aonamh latha deug dh’ atharraich a’ ghaoth, agus ann an uine ghoirid thoisich i ri beothachadh cho grad ’s gu ’n d’ thainig stoirm is doinnionn eagalach orra mu ’n do tharr iad a dhol ’nam faireachadh. Dh’ fhuadaicheadh an long cho fad air falbh ’s gu ’n do chaill iad an cursa. Mu dheireadh bhristeadh na crainn, agus chaidh an long ’na connalaich air na creagan. Bhathadh an aireamh bu mho dhe na bh’ air bord. Shnamh feadhainn gu tir, agus fhuair feadhainn eile gu tir air cliathain dhe ’n luing. Bha Beder uine fhada air a thonn-luasgadh, agus greim daingean aige air cliathan. Mu dheireadh chuir an sruth ’s a’ ghaoth thun a’ chladaich e. Cho luath ’s a rainig e aite grunnachaidh, leig e as an greim a bh’ aige air a’ chliathan, agus ghrunnaich e gu tir. Cha bu luaithe ’rainig e tir na choinnich eich is camhail is miulaidean is asail is daimh is crodh is tairbh, agus ainmhidhean eile e, agus iad a’ cur rompa nach leigeadh iad leis a dhol air tir. Chuir so ioghnadh anabarrach mor air. A dh’ olc no dh’ eiginn gu ’n d’ fhuair e, chaidh aige mu dheireadh air direadh suas do na creagan a bha air bruaich a’ chladaich far an do leig e ’anail gu math, agus an do thiormaich e a chuid aodaich ris a’ ghrein. (Ri leantuinn.) MAC-TALLA Am Buideal Ime. Bha ’m madadh-ruadh ’s am madadh-alluidh a’ falbh comhla, ’s chaidh iad timchioll a’ chladaich, ’s fhuair iad buideal ime, ’s thiodhlaic iad e. An la ’r na mhaireach chaidh am madadh-ruadh a mach, ’s nuair a thill e staigh, thuirt e gu ’n robh duine air tighinn ga iarraidh gu baisteadh. Dh’ fhalbh am madadh-ruadh a’s sgeadaich e e-fhein ann an deagh thrusgan, ’s ghabh e air falbh, ’s c’ait an deachaidh e ach a dh’ ionnsuidh a’ bhuideil ime, ’s thug e sios gu ’bheul gu math as a’ bhuideal, ’s nuair a thainig e dhachaidh dh’ fhoighneachd am madadh-alluidh dheth dé ’n t-ainm a bh’ air a phaisde, ’s thuirt e gu ’n robh “Fo bhial.” An la ’r na mhaireach thuirt e gu ’n do chuir duine ’ga iarraidh gu baisteadh; ’s rainig e ’m buideal, ’s thug e as mu leith. Dh’ fhoighneachd am madadh-alluidh, nuair a thainig e dhachaidh, dé ’n t-ainm a bh’ air a’ phaisde. “Mata,” ars’ esan, “tha ainm neonach nach d’ thugainn fhein air mo dhuine cloinne, na ’m biodh e agam. Tha ‘Mu leith mu leith.’” An la ’r na mhaireach thuirt e gu ’n robh duine an sid, air tighinn ’ga iarraidh-san a rithist gu baisteadh. Dh’ fhalbh e ’s rainig e ’m buideal ’s dh’ ith e air fad e. Nuair a thainig e dhachaidh dh’ fhoighneachd am madadh-alluidh dheth dé ’n t-ainm a bh’ air a’ phaisde, ’s thuirt e gu ’n robh “Buill’ imlich.”. An la ’r na mhaireach dh’ fhalbh e, ’s thuirt e ris a’ mhadadh-alluidh gu ’m bu choir dhaibh am buideal a thoirt dhachaidh. Dh’ fhalbh iad agus nuair a rainig iad am buideal cha robh sgath dh’ an im ann. “Mata cha robh thusa gu ’n tighinn a choimhead seo, ged a bha mise gun tighiun ann,” ars’ am madadh-ruadh. Mhionnaich am fear eile nach d’ thainig e na choir. “Cha ruig thu leas a bhith a’ mathachadh nach d’ thainig thu ann; tha fhios agamsa gu ’n d’ thainig, ’s gur tu thug as e; ach aithnichidh mis’ ort, nuair a theid thu dhachaidh, ma ’s tu dh’ ith an t-im,” ars’ am madadh-ruadh. Dh’ fhalbh e, ’s nuair a chaidh e dhachaidh, chroch e ’m madadh-alluidh air chasa deiridh, ’s a cheann slaodadh ris, ’s bha cnap de ’n im aige, ’s chuir e fo a bheul e, ’s ma b’ fhior, gur h-ann á broinn a mhadadh-alluidh a thainig e. “A dhearg mheairlich,” ars’ esan, “thuirt mi roimhe gur tu dh’ ith an t-im.” Chaidil iad an oidhche sin mar a bha iad, ’s an la ’r na mhaireach, nuair a dh’ eirich iad, thuirt am madadh ruadh, “Mata ’s gòrach dhuinn fhein a bhith ’dol bàs mar seo le barrachd mor de ’n leisg; ruigidh sinn a leithid seo de bhaile ’s gheibh sinn pios fearainn ann.” Rainig iad am baile, ’s thug an duine, leis am bu leis am pios fearainn, daibh fiach sheachd puinnd Shasunnach. ’S e corc a chuir iad a bhliadhna sin, agus bhuain iad e ’s thoisich iad ri ’roinn. “Mata,” ars’ am madadh-ruadh, “co-dhiu ’s fhearr leat am bun na ’m barr? Gheibh thu do dha roighinn.” “’S fhearr leam am bun,” ars’ am madadh-alluidh. Bha ’n sin aran briagha corc aig a’ mhadadh-ruadh fad na bliadhna; ’s fodar aig an fhear eile! An ath bhliadhna chuir iad barr; ’s e buntàta a chuir iad, agus dh’ fhas am buntàta gu math. “Co-dhiu a ’s docha leat am bun na ’m barr am bliadhna?” ars’ am madadh-ruadh. “Gu dearbh cha d’ thoir thu ’n car tuilleadh asam! Bidh am barr am bliadhna agam,” ars’ am madadh-alluidh. “Gle mhath, a laochain,” ars’ am madadh-ruadh. Bha ’n sin barr a bhuntàta aig a’ mhadadh-alluidh a rithist; ’s am buntàta aig a’ mhadadh-ruadh. Bhiodh, an seo, am madadh-alluidh a’ goid a bhuntàta air a’ mhadadh-ruadh. “’S fhearr dhuit a dhol a null ’s an t’ ainm sin agam ann an crodhan na làire bàine a leughadh,” ars’ am madadh-ruadh. Dh’ fhalbh am madadh-alluidh ’s thoisich e air leughadh an ainm, ’s uair de na h-uairean tharruing an làir bhàn a cas, ’s thilg i ’n ceann bhar a mhadadh-alluidh. “O!” ars’ am madadh-ruadh, “’s fhada o’n a chuala mi e, B’ fhearr leam a bhith a’ m’ chleireach na ’bhith leughadh leabhair.” Dh’ fhalbh e dhachaidh, ’s cha robh am madadh-alluidh a cur dragh air tuilleadh.—Sgeulachd. An Talamh. Is ball cruinn an talamh, a ta dluth air ochd mile de mhiltibh troimhe, agus còig thar fhichead mile de mhiltibh mu’n cuairt. Tha e ’siubhal mu’n cuairt do’n ghréin ann an cearcall, a tha ceithir fichead agus còig muillean deug de mhiltibh air astar uaipe: agus gabhaidh e tri cheud, tri fichead, agus còig laithean, agus tha’n ùine so a deanamh suas na bliadhna againne.—Ged is bras a ta ’n talamh mar so a’ siubhal, sea fichead uair ni’s luaithe na peileir gunna-mhòir, gideadh, cha ’n ’eil e idir co luath ri Mercuiri, a cheann nach ’eil e ’deanamh ach mu thrì fichead agus ochd mile de mhiltibh anns an uair, am feadh ’s a ta Mercuri ’deanamh corr agus ceud mile de mhiltibh! Tha’n talamh, mar an ceudna a’ tionndadh air a mhul fein, gach uile cheithir uaire fichead agus mar so tha ceithir uairean fichead air fad anns an latha againne-ne! Tha na nithe so uile iongantach annta fein; ach an déigh sin tha iad fior. Cha soirbh, gidheadh, le daoinibh aineolach a thuigsinn, gu’m bheil an talamh idir a’ carachadh, no ’gluasad as an aon aite. Tha iad mar a’s tric s a’ bharail, gu ’m bheil e neo-ghluasadach, am feadh ’s ta a’ ghrian, na rionnagan, agus feachd neimhe gu leir, a’ cur char diubh mu’n cuairt da!—Is iongantach leò, mar an ceudna r’a smuaineachadh, gu’m bheil an talamh so ’n a reult, a ta ’n am beachdsan, ni’s mò na aon air bith de na rionnagaibh beagan drilinneach sin, chithear ’n am miltibh anns an speuraibh, air oidhche shoilleir. Ach tha fior, gu’m bheil an talamh a’ gluasad air a mhul fein, gach là; agus ann an cearcall mu’n cuairt do’n ghrein, gach bliadhna; ceart mar a ta Mercuri, Bhenus, agus na reultan eile. Tha moran an dùil gu’m bheil a’ ghrein agus na reultan, a’ ruith gu luath anns na speuraibh mu’n cuairt do ’n talamh, nach ’eil a’ carachadh as ’aite; ach tha iad air am mealladh an so ’n am barail, ceart mar a ta iad, an uair a ghiulainear iad seachad gu luath air luing an cois fearainn; oir an sin, tha iad an dùil, nach ’eil an long a’ carachadh; ach gu’m bheil am fearann a ruith gu grad seachd orra! Tha Dia a’ labhairt gu tric agus air iomadh dòigh ruinne, mar a bha e ’labhairt ris na h-athraichean o shean. Tha e ’labhairt ruinn le guth an fhacail, le guth an fhreasdail, agus le guth an Spioraid. Am bheil sinn a’ toirt éisdeachd is aire do na guthan so mar is còir dhuinn? Is e subhachas neochiontach an aon ni a’s fhearr a chumas suas inntinn an duine; air an aobhar sin cha’n ’eil peacadh ann an gàire cridheil a dheanamh mu thimchioll ni anns nach ’eil olc. Is maiseach comhairlean an duine sin aig am bheil a chaitheamh-beatha ann an co-chòrdadh ri’ chomhairlean. [TD 172] [Vol. 9. No. 22. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am. litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, NOBHEMBER 30, 1900. THA Crugar an deigh an Fhraing a ruigheachd, agus tha na Frangaich a’ dol ’nam boil uime. Cha’n eil urram is urrainn daibh a chur air tuilleadh us mor air a shon; ged bu Fhrangach e air tilleadh à dùthaich chéin an deigh buaidh mhor a thoirt am mach, ’s gann a dheanadh iad a bheatha na b’ fhearr na rinn iad beatha Chrugair. Cha ’n ann air son càirdeas sam bith a th’ aca do Chrugar a tha iad a’ deanamh so; na’m b’ ann ri rioghachd sam bith eile ach ri Breatunn a bha Crugar a’ cogadh cha chuirte urram mor sam bith air anns an Fhraing. Tha Crugar, anns na h-òraidean a tha e liubhairt a’ cur sios gu mor air na Breatunnaich, ag radh gu bheil iad na ’s an-iochdmhoire na fineachan fiadhaich Africa, agus nithean eile nach eil e-fhéin a’ creidsinn na’s mo na tha iadsan ris am bheìl e a labhairt. A reir a sgeòil fhein tha fiosrachadh aige a bheir air rioghachdan na Roinn-Eorpa a phàirt a ghabhail an aghaidh Bhreatuinn, agus ma bhios iad cho olc ’s nach gabh iad a phairt idir, tha e ’dol air ais do’n Transbhaal. Is neonach da-rireadh an seòrsa chogaisean a th’ aig cuid de dhaoine. Gabhaidh iad paipear o bhliadhna gu bliadhna, leughadh iad fein e o thoiseach gu deireadh, agus an deigh sin bheir iad seachad an iasad e do fhear mu seach de ’n coimhearsnaich. Ni iad moladh mor air a phaipear, agus ni iad saoghal fada agus sonas a ghuidhe dhaibhsan a tha g’a chur a mach. Ach uiread us dath an airgeid cha chuir iad aìr adhart gus a phàigheadh; agus nuair a ruitheas ceithir no coig de bhliadhnaichean, ’sa bhios iad a smaoineachadh gu bheil muinntir a phaipear a teannadh ri ’gabhail fadachd, diùltaidh iad a thoirt a oifis a’ phosta, agus iarraidh iad air a phostmhaighstir a chur air ais agus e sgriobhadh an fhacail “Refused” air. Agus an deigh dhaibh sin a dheanamh, gabhaidh iad an ùrnuigh ’s theid iad a chadal an oidhche sin mar a b’ àbhaist, gun uiread us smaoineachadh orra-san air am bheil iad a deanamh na h-eucoir. Tha moran dhe ’n t-seòrsa sluaigh so anns an t-saoghal. Tha iad ri ’m faotainn, eadhon am measg nan Gàidheal a tha ’gabhail MHIC-TALLA; agus ma chuireas neach sam bith sin an teagamh, theid againn air innse co iad air an ainm ’s air an sloinneadh. Litir Bheag a Australia. A MHIC-TALLA GHAOLAICH:—Is ann le toileachas mor a tha mi sgriobhadh so gu d’ ionnsuidh. Bha mi shuas aig Brewarrina air an t-seachdain s’a chaidh, aig fosgladh an rathaid-iaruinn. Bha moran de bhuill na pàrlamaid ’s de dh’ uaislean na dùthcha an làthair—am measg chàch Mr. E. O’Sullivan, Ministear Obraichean, Mr. P. Crick, an t-Ard-phostmhaighstir, agus buill na Comhairle Rioghail, a tha fiosrachadh mu chor tuathanaich nan caorach, aig am bheil fearann air mhàl o’n chrùn. Chuireadh call mor orra sin leis an tiormachd a th’ ann o chionn tri bliadhna. Thatar an dùil ’nuair a chriochnaicheas a’ chomhairle so an obair gu ’n dean an riaghladh cuideachadh leotha air dhòigh ’s gu ’n teid aca air cumail air an aghart gus an tig uisge. Tha mi ’cur ugad àireamh de ’n phaipear-naigheachd, Brewarrina Times, anns am faigh thu cunntas a’s fhearr air na gnothuichean sin na ’s urrainn dhomhsa thoirt dhut. Bha àireamh dhe ’n MHAC-TALLA agam air mo shiubhal, agus fhuair mi fear-gabhail ùr dha, Eoseph Mac-Coinnich. Gheibh thu òrdugh air son an airgeid anns an litir so. Cha ’n eil a Ghàilig aig Mac-Coinnich idir, ged a bha i aig a shinnsirean, ach tha e air son am paipear a chumail suas, agus mar sin tha e ’cur g’a iarraidh. Tha mi dol gu cruinneachadh Gàidhealach a tha gu bhi aig Bourke, da fhichead mile á so, air an 12mh latha dhe ’n ath mhios, agus feuchaidh mi ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn ann an sin. Bheir mi a nise mo litir ghoirid gu crìch le bhi ’guidhe saoghal fada, soirbheachail do MHAC-TALLA. Do charaid dileas, ROB TURNBULL. Brewarrina Road, N. S. W., October, 15, 1900. Chaidh fear Gilleasbuig Domhnullach a mhuinntir Sand Lake a mharbhadh leis a charbad-iaruinn faisg air Glace Bay Di-ciaduin s’a chaidh. Bha e dol dhachaidh o ’obair nuair a thainig an carbad air gun fhios d’a. Bha cur us cathadh ann aig an àm, agus mar sin cha chluinneadh ’s cha’n fhaiceadh e an carbad. Bha e tri fichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus ’na dhuine air an robh meas us cliù mor am measg a luchd-eolais uile. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Searlot. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” SANAS DO CHINN THEAGHLAICHEAN. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, MANAGER AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 173] [Vol. 9. No. 22. p. 5] NAIGHEACHDAN. Thachair sgiorradh do Mhorair Roberts ann an Johannesburg air an ochdamh latha deug do’n mhios so. Thuit an t-each aige agus bha e air a bhruthadh gu dona. Tha sinn toilichtechluinntin gu bheil e faighinn air aghart gu math, agus gu’m bi e aig obair a rithist ann an ùine ghoirid. Bha stoirm mhor againn an so Di-ciaduin s’a chaidh. Thòisich i ’sa mhaduinn le sileadh uisge, agus air feadh an latha thionndaidh sin gu sneachda, agus a ghaoth a fàs ann an neart fad na h-ùine. Cha robh anns an stoirm so ach meur de ’n stoirm a bh’ aca o chionn ghoirid anns a’ chuid is motha de na Stàidean ’s de Chanada. Tha Sidni Tuath air a dhol gu mi-riaghailt air an fhoghar so. Cha mhor gu bheil seachdain a’ dol seachad gun na paipearan a thoirt cunntas air bristeadh lagha de sheòrs’ air choireigin. Tha buidheann de dhaoin ann a tha a reir coltais a cur rompa lagh agus còraichean dhaoin’ eile a chur a thaobh. Bu chòir ionnsuidh mhath a thoirt air daoine dhe’n t-seòrsa sin a pheanaisteachadh mar a tha ’n giùlan a toilltinn. Rinneadh long-bhristeadh cianail aig Baule Island, air cladach Chuebec, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha an St. Olaf, soitheach a dh’ fhalbh á Sheldrake air a turus do Chuebec, air a bristeadh, agus cha do shàbhaileadh duine dhe na bha air bòrd. Thatar a deanamh a mach gu ’n d’ fhuair iad uile gu tir, ach gu robh iad air an reothadh gu bàs, agus gu bheil an cuirp air an còmhdach thairis leis an t-sneachda. Ann am Pictou, air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaireadh duin’ òg d’ am b’ ainm Munn, a mhuinntir Murray Harbor, E. P. I., marbh air an rathad-iaruinn. Bha daoine ’n dùil aig an àm gu robh e air a mharbhadh leis na carbaid a dhol thairis air. Ach a nise thatar dhe ’n bharail gur e mhort a rinneadh, agus gu robh a chorp air a chur air an rathad gus an gniomh a chumail am falach. Bha loch fala air fhaotainn pios air falbh o’n àite anns an d’ fhuaireadh an corp, agus bha ni no dha eile mu ’n chùis a tha toirt air daoine chreidsinn gur ann air a mharbhadh le lamhan dhaoine a bha e. Tha baile Phictou a’ tairgse duais air son fiosrachadh sam bith a chuireas solus air bàs an duine bhochd. Tha na ministearan ann am baile Chicago gus tagradh a chur air beulaobh Ceann-suidhe na Staitean, Mac Fhionnlaidh, ag iarraidh air coimhead anns a ghniomh eagallah a rinneadh ann am baile Limon, an Colorado. Loisgeadh gu bas duine dubh airson mort a rinn e,—daoine a bhaile mar so a gabhail a lagh nan lamhan fhein. Anns na deich bliadhna chaidh seachad chuireadh gu bas air an doigh so—na daoine a gabhail an lagha nan lamhan fhein—da mhile pearsa. Ma chi an Ceann-suidhe freagarrach an tagradh so a fhreagairt—agus tha sinn an dòchas, ann an ainm ceartais, gu faic—gheibh a h-uile duine a bhios ciontach de mhort no de dhroch ghniomh sam bith, fheuchainn leis an lagh, agus mar so cuirear stad air na daoine a bhios a gabhail an lagha nan lamhan fhein. Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh bha coinneamh aig conservatives na siorrachd anns a’ bhaile so, agus shònruich iad Cailean Mac-Fhionghain, á Sidni, agus Eanruig Domhnullach, á Bridgeport, gu ruith air son pàrlamaid Nobha Scotia. Tha an carbad-iaruinn a nise ’fàgail a’ bhaile aig sia uairean ’sa mhaduinn, ’sa tilleadh an deigh naodh, ’san oidhche. Tha an trein luath a ruith fhathast, ’sa coimhead nan aon uairean ’sa bha i fad an t-samhraidh. Cha ’n eil fhios fhathast am bi i ruith fad a’ gheamhraidh no nach bi. Am measg nan treun a thuit ann an taghadh na h-àrd-phàrlamaid, bha an Maidsear Ruairidh Mac-Gill fhinnein a bha o chionn iomadh bliadhna a suidhe air son siorrachd Ghlinn-a-Garaidh, an Ontario. Is siorrachd so anns am bheil moran Ghàidheal, agus bha iad gle mheasail air Ruairidh Mor, ach air an turus so chuir iad cùl ris. Loisgeadh gu làr saibhlean mora le R. W. Kingman & Co., ann an Canning, Nobha Scotia, Diordaoin s’a chaidh, anns an robh ceud ceann cruidh, da each dheug, ceud gu leth tunna feoir, agus fiach $2,000 de dh’ innealan tuathanachais agus seorsachan eile. B’fhiach na saibhlean seachd mile dolair. Bha an crodh ’s na h-eich de stoc cho math ’sa bha ’san dùthaich. Bha an t-side anabarrach fliuch o chionn da sheachdain air ais; na’s fliuiche na chunnacas deireadh foghair no toiseach geamhraidh an so o chionn fhada. Leis gach falbh us cladhach a tha air sraidean a bhaile, tha iad ’nan cùis-eagail le poll ’s le eabar gach taobh a thionndaidhear. Is e so aon de na dòighean anns am bheil sinn air ar peanaisteachadh air son am baile bhi fàs mor. Tha an trioblaidean féin aig Impirean mora na Roinn-Eorpa. Bha Impire Ruisia tinn o chionn corr us seachdain, agus ged a tha e air a radh gu ’m b’e dh’ aobharaich a thinneas gun do dh’ ith e mir de dhroch iasg, tha a mhor chuid a creidsinn gur ann a chaidh ionnsuidh a thoirt air a phuinnseanachadh. Agus chaidh tearnadh caol air Impire na Gearmailt mar an ceudna, ’se dol troimh bhaile Bhreslau ann an carbad; thilg boirionnach a bha measg an t-sluaigh air an t-sraid tuagh air, a bhual ’sa charbad, ach a sheachainn gu fortanach esan air an d’ rinn i cuimse. Tha Morair Roberts an ùine ghoirid ri Africa mu dheas fhàgail, agus tha Kitchener ri ceannardachd an airm a ghabhail na àite. Tha daoine deanamh a mach gu ’m bi atharrachadh mor air cùisean fo laimh-san seach mar a bha iad fo laimh Roberts. Tha Roberts ’na dhuine ciùin, truasail, agus cha dean e ni sam bith a chuireas call no cunnart a ghabhas seachnadh air a dhaoine fein no air na naimhdean; ach tha Kitchener de dh’ atharrachadh gne. Ni a chuireas esan roimhe, bidh e air a dheanamh gun suim sam bith a ghabhail de ’n fhulangas ’s de ’n sgrios a dh’ fhaodas tighinn na lorg. Tha daoine fàgail air eadhon gu bheil e an-iochdmhor agus neo-thruasail; ach cha ’n eil fhios nach e beagan dhe sin a tha dhith air na Boerich. Mur b’e Roberts a bhi cho ciùin riutha ’sa bha e, cha ’n eil fhios nach fhaodadh an cogadh a bhi seachad roimhe so. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. KELLY & DODGE, DEALBHADAIREAN. Seomar Dhealbh ur os cionn Stor Aonghais Mhic Ghuaire. Obair Mhath air a deanamh an ealamhachd, ’s air pris reusanta. FAIC AR N-OBAIR. CORDAIDH I RIUT. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. [TD 174] [Vol. 9. No. 22. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXII. ULLACHADH RO’ BHLAR CHUIL-FHODAIR. Ged do theich am Prionns’ agus na Gàeil an fhad’ so roi’ armailt Dhiùc Uilleam cha b’ ann le rùn an strì a leigeadh gu tur ma làr, ach a chum am barrachd sluaigh a chruinneachadh an aghaidh feachd lionmhor an nàmhaid. Bha dùil aca gach latha ri còmhnadh sluaigh a thighinn air tìr as an Fhràing air taobh siar na h-Alba, maille ri iomadh dheth na Fineachan a bha fathast gun eiridh a thigeadh fo’m brataich. Dh’ fhan Diùc Uilleam bho’n chuigeamh latha fichead de chiad mhìos an earraich gu an t-ochdamh latha de mhìos deireannach an Earraich, ann an Obaraidhean, a thaobh nach b’ urrainn na saighdearan dearga dhol air an aghaidh le fuairead na side, ach bha ’nis’ an t-aiteamh air glanadh an t-sneachd air falbh de bheinn ’s de shrath, is bha na h-aibhnaichean air traodhadh. Dh’òrduich an Diùc do’n armailt màrsail air an ochdamh latha de’n mhìos. Bha nise cabhlach làn bidhe air tighinn le biadh a dh’ ionnsaidh na h-àrmailt á Sasuinn, agus bha i seòladh cois an fhearainn a’ leantainn an àirm mar bha iad a triall agus a cuir a bhìdh’ air tìr mar bhite ga ithe. Bha ’n armailt air a deanamh suas de chùig réiseamaidean diag de shaighdearan coise, dà réiseamaid thrùpairean agus marc-shluagh Khingston, Caimbeulaich Earra-Ghàel, Rodhaich Fòluis, beagan de Leòdaich Shiol-Tòrmod, agus de Rosaich Bhaile-nan-Gobhann, agus àireamh de thuath Mhorair Cat. Leo sin bha feachd an Diùc eadar Ghoill a ’s Ghàeil ma naoi mìle fear! Air an deicheamh latha de’n mhìos ràinig an Diùc agus an t-àrm-dearg baile Bhainbh; thachair dithis de dhaoine Phrionns riu anns a’ bhaile so agus air an lathairne-mhàireach dh-orduich an Diuc an crochadh. Air an ath latha ràinig an t-arm-dearg Uisge-Spé, agus roinn an Diuc an armailt nan trì-chuideachdan gu dhol thar an abhainn. Chaidh cuideachd dhiu so a null air a Bhial-gharbh agus cuideachd eile fo Chaisteal-Gòrdon agus an treas cuideachd aig Clachan Bhealaidh. Rinn na saighdearan Gàelach a bha codhla riu an treòrachadh cho math tro na h-uisgeachan is nach deach a bhathadh dhiù ach ceathrar bhan agus aon trùpair! Chàmpaich an t-arm-dearg an oidhche sin aig Bruachan Uisge-Spé, agus mhàrsail iad air an latha, a b’e Di-dòmhnaich tro Eiligin a null air monadh Aile-bheinn; bha iad a nise ma thuaiream deich mìle fichead bho Inbherneis. Air an ath fheasgar an coigeamh latha de ’n mhios, agus co-ainm latha breth an Diùc, ràinig an t-arm Inbheir-Narunn, agus chàmpaich iad anns a’ bhaile sin, agus mar onair ri latha’ bhreth thug an Diùc cuibhrinn branndaidh a’s chàise do do gach saighdear san fheachd, agus thòisich iad air caitheamh nam fleagh agus air a bhi subhach. Air Di-dòmhnaich an ceathramh latha diag, ’nuair a chuala Tearlach gu’n tàinig an t-arm-dearg a nall air Uisge Spé, dh-òrduich e na pìoban a sheinn, agus na drumachan a bhualadh, air feadh gach àite de’n bhaile, a’ chum na daoine thionail ri chéile. ’Nuair a chruinnich iad air na sràidean thòisich am Prionns air spaidsearachd air am feadh, le ’chlaidheamh rùiste na dhòrn da ’m brosnachadh ag iarraidh orra bhi misneachail agus a bhi treun—iad [?]adh co [?] thàinig iad, agus co ris a bha [?] na Gàeil ris a bhrosnachadh chatha so le ro aire, agus air dha crioch a chuir air a labhairt, thog iad luath-ghair àrd eibhneach ag radh—“Bheir sinne Fontenoi eile do Dhiùc Uilleam.” Chaidh am Prionns’ an sin air muin eich, agus thriall an armailt a mach as a’ bhaile, le pìobaireachd a’s drumaireachd, a’s brataichean sgaoilte, agus chàmpaich iad air an oidhche sin air an fhaiche roi chaisteal Chuil-Fhodair. Ma shia uairean sa’ mhadainn air a’ chuigeamh latha diag de ’n mhìos thriall an armailt gu Druim-Usaidh, a bha ma astar mìle do thaobh na h-airde-n-ear do chaisteal Chul-Fhodair. Air an t-sliabh so chuir am Prionnsa an àrmailt ann an òrdugh catha a chùm coinneamh a thoirt do Dhiùc Uilleam, a bha sùil aige thigeadh á Inbher-Narunn air an latha sin. Cha robh feachd Thearlaich aig an àm so cho lionmhor sa bha i latha blàir na h-Eaglaise-Brice; air dha an cunntadh, cha robh iad ach ma thuaiream sia mìle fear. Bha na h-uraid dheth an armailt sgaoilt’ air feadh na dùthcha nach robh fathast air cruinneachdadh; b’ann diu sin:—Na Frisealaich, Clann-Dòmhnuill, Clann-Mhuirich, Clann-Ghriogair, cuid mhòr de Dhònullaich Ghlinne Garaidh, agus Clann-Choinnich Iarla Chrompa. A thaobh iad so a bhi gun tighinn fathast chum na h-àraich, bha ’m Prionnsa làn thoilichte nach robh mor chabhaig air an diùc ann a thighinn air aghaidh gus am faigheadh e shluagh cruinn. Bha’m biadh a nis air fàs cho gann aig an armailt, is nach robh ach aon bhuilionn beag de dhroch aran ma choinneamh gach fir. Bha ’na Gàeil mar sin air an claoidh le fuachd a’s acras, ’nuair a bha na saighdearan dearga air air deagh giullachd, leis gach biadh a’s deoch mar chaitheadh iad. Tha Druim-Usaidh na bhlàr comhnard fraoich ma dha mhìle bho Inbheirneis, agus ma dha-dhiag bho Inbheir-Narunn. ’Nuair a sheas na Gàeil le ’n aghaidh ri càmpa Dhiùc Uilleam bha Inbheirneis air an cùl-thaobh, Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-DEASHN-ACAH DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 175] [Vol. 9. No. 22. p. 7] Uisge-Naruinn air an laimh dheis, agus raointean Chuil-Fhodair air an laimh chlì. Chualas Morair Seòras Moireach gu tric ag innseadh gun robh e ro fhad ’an aghaidh na Gàeil a tharruinn suas an òrdugh blair air an talamh so, a thaobh gu ’n robh talamh càthair air taobh deas Uisge-Naruinn bu fhreagarraiche do na Gàeil mar làraich chatha, bha e sin na thalamh cho bog is nach deanadh eich an Diùc an casan a thoirt ás, ni mò bha e freagarrach air son ghunnaidhean mòra. Air an chùigeamh latha diag de’n Mhìos thug Morair Seòras am Prionns’ agus cuid dheth na h-oifigich a dh’amharc an talmhuinn so, dh-aontaich iad gu léir gur e àraich bu fhreanarraich do ’na Gàeil; ach thuirt am Prionnsa gum b’ fhearr leis an armailt fantuinn far an robh iad air eagal gun faigheadh an Diùc sealbh air bail’ Inbheirneis. A thaobh gu ’n robh dithis dhaoine aig an Diùc mu ’n aon do na Gaeil, chaidh a mheas gu ’m b’ fhearr do ’n àrm Ghàidhealach Druim-Usaidh fhàgail air an òidhche agus càmp an airm dheirg a chuartachadh ’nuair a bhiodh iad nan cadal, a chum cuir as daibh mu’n tàradh iad nan earalas. B’e ’n t-àm a shonraicheadh a chùm màrsail ma ochd uairean sa ’n oidhch’ agus chaidh teann ordugh a mach na daoin’ a chaidh air feadh na dùthch’ air tì bidh a chruinneachadh ri chéile an ceann nam mor-fheachd. Dh’ fhalbh na h-oifigich rathad Inbheirneis agus nam bailtean eile mu’n cuairt a chum nan daoine thional ach thuirt na saighdearan ris na h-oifigich iad ga’n grad thilgeadh, gu’m bu roghnaichte leo ’m bàs no claoidh na gorta. Uime sin ’nuair a thàinig an uair shonraichte, cha robh ach ma leth na h-àrmailte cruinn. Thuirt Tearlach ged nach biodh aige ach aon mhìle fear gun tugadh e ionnsaidh air a’ chàmp, agus nach robh eagal sam bith air sin a dheanamh, ’nuair a bha e faicinn dà mhìle ullamh gu triall. ’Nuair a dh-aontaich na h-uaislean gu’n robh iad toileach an ionnsaidh a dh-ainmicheadh a thoirt air an arm-dhearg chaidh a shònrachadh nach rachadh acuinn-theine sam bith a ghnathachadh, ach bualadh orra le claidheamh a’s biodag, ’s am bruanadh thall sa’ bhos, agus a thaobh nach robh an càmp air falbh ach ma naoi mìle, bhasa ’n dùil gun ruigt’ e tacan an deighe mheadhon òidhche, agus gun rachadh obair a bhàis a chrìochnachadh roi’ ghlasadh an latha. Thog iad an sin orra gu càmp an Diùc a ruidhinn, agus bha’n òidhche glè dhorcha, ni a bha ro fheumail a chum an rùn a chleth air an Diùc, ach a bha gle dhosgainneach air sheòl eile, do-bhrìgh nach b’e ’n rathad mòr a ghabh iad a dh-ionnsaidh a chàmp, ach thar mhonaidhean ard’ a’s lòintean boga, agus bu tric a thuit iad air muin a chéile sa’ gharbhlach le cion léirsinn. Cha robh am màrsail ach gu fìor mhall, agus ged a bha Morair Seòras Moireach ga ’n sìr ghreasad air an aghaidh, cha b’ urrainn iad an ceum a luathachadh, air choir is gu’n robh e ma dhà uair sa’ mhadainn mu’n d’ ràinig iad a’ Chill-Riabhach a bha ma uidhe thrì mìle do champ an Diùc. Aig an àite so chuir Morair Seòras stad air an fheachd, agus thuirt e gum b’ fhearr dhaibh pilleadh air an ais, air a chas-cheum chianda nach b’ urrainn iad an camp a [?] roi’ shòlus an latha, ni[?] fo chomruich teine an nàmhaid. Mar sin phill iad air an ais agus ràinig iad an dearch [?] luach iad air tùs ann [?] an tàinig orra seasamh a rithist, a Chum catha gun bhiadh gun chadal. Chunnaic iad a nise feachd an Diùc a’ tighinn nan dail, agus du-òrduich am Prionnsa canon a losgadh a chum caismeachd a thoirt do’n bhuidheann a bha sgaoilte a ghrad chruinneachadh a dh-ionnsaidh na h-àraich. Mu ’n àm so bha Fear na Ceapaich agus a dhaoin’ air tighinn thun an raoin, tacan an deighe sin thainig na Frisealaich. Bha ’n armailt a nis’ air glacadh rudeiginn misnich gu ionnsaidh thoirt air na naimhdean. ’Nuair a bha na bha fagus do laimh dheth an arm Ghàelach gu léir air cruinneachd bha iad ma thuaiream cùig ceud tear, agus a’ chuid mhor dhiù sin féin ann an staid ro fhann le cion bìdh’ a’s cadail, gu ionnsaidh a thoirt air armailt de shaighdearan ionnsaichte a bha dhà lionmhoireachd riu féin, a dh’ aindeoin gach mi-choltais rinn iad gach ullachadh gu bhi nam bad cho luath sa thigeadh iad anns an dòigh bu dual do na Gàeil an nàmhaid a chasg, le claidheamh a’s sgiath agus chaidh iad nan dà chuideachd, a’ chiad chuideachd anns an òrdugh so bho thuath gu deas, Fir Abhall, na Cam-shronaich, Stiùbhartaich na h-Apunn, Na Frisealaich, Clann-Lachuinn, Clann-Leain, Réiseamaid Iain Ruaidh Stiùbhairt, Clann-Fhearchair, Clann-Raonuill, Fir na Ceapaich agus Dòmhnullaich Ghlinne Garaidh. Chaidh an dara cuideachd ann an òrdugh mar so bho thuath gu deas: Morair Ogilbhi agus a dhaoine, Morair Luthais Gòrdon agus a dhaoine, Gòrdonach Ghlinne-Bucaid agus a dhaoine, Diuc Pheairt agus a dhaoine, No h-Eireannaich agus na Frangaich. Ghabh Morair Seòras Moireach comannda na ciad chuideachd eile. Is e Union Blend Tea an deoch a’s docha le daoine, mar is i ’n ròs am flùr a’s fhearr leotha. Bidh $400 air a roinn air luchd-ceannach na tì so tràth an Desember. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9. 15 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 176] [Vol. 9. No. 22. p. 8] Sean-fhacail agus Comhadan. LE DONNACHADH LOUDAIN. Nuair a chailleas neach a mhaoin Is gnothach faoin ’bhith ’g iarraidh meas; Ged a labhradh e le céill, Is beag a gheibh e dh’ éisdeas ris. ’S iomadh caraid ’th’ aig fear saibhir, Tha daoine bochda gun phrìs; ’S gann a dh’ aidicheas an càirdean Gu ’m buin iad dhaibh ’s iad bhith ’n dìth. Is ainmig a dh’ éireas fortan Le fear crosda ’bhios gun chéill. ’S fearr do dhuine fuireach sàmhach Na droch dhàn a chur an géill. ’S coltach fear tha ris an fhoill, Is e gun sgoinn aige de ’n chòir, Ris an neach a thaisg an luaidhe ’S a thìlg air falbh bhuaith’ an t-òr. Leig t’ eallach air làr mu ’n lag thu, Ma dh’ aith’neas tu t’ eallach trom; Is mór gur fearr an cù a ruitheas Na ’n cù a shuidheas air tonn. ’S olc an toiseach cogaidh geilt, Cha ’n ionnan sgeul do chreich ’s do ’n tòir; Is searbh glòir an fhir a theich, ’S am fear a dh’ fhuirich ni e bòsd. Na gabh farmad ri neach idir, Ged shaoileadh tu ’staid bhith mór; ’Bheinn a’s àirde ’tha ’san tìr, ’S ann oirre ’s trice ’chi thu ’n ceo. Cha toir neach air eiginn beairteas, ’S duilich droch chleachd a chur fàs; Bheir gach Dòmhnach leis an t-seachdain, ’S bheir am peacadh leis am bàs. Ceart mar thig gaillionn nan siantan Nuair nach miann leat i bhith ann, ’S amhluidh sin a thig an t-aog ort, Ged a shaoil thu nach b’ e ’n t-àm. Rugadh Donnachadh Loudain an Gleann-Liobhann mu ’n bhliadhna 1730. Bha e a leanachd na tuairnearachd mar cheàird. Dh’ eug e an Raineach mu ’n bhliadhna 1812. An Luchd-riaghlaidh. LE NIALL MAC-GILLEAIN, AN GLASCHU. Ged tha daoin’ ann an Albainn Tha gu dìleas a leanmhuinn na còir’, Gheibhear fir nach dean marbhadh, Dh’ aindheoin maoidheadh is seanachas am beoil. Tha an dùthaich na h-eiginn, Tha na bochdan ag éigheach fo leon, ’S an cinn thagraidh gan tréigsinn, ’N dùil gun dean iad dhiu féin daoine mor’. ’S iomadh biast a ni gàire Nuair a gheibh e do ’n phàrlamaid ùir, ’Bhios mar bhuidealair Fhàro, Nach do chuimhnich a chàirdeas no ’rùn. Dh’ fhàg e Ioseph am prìosan, Ged a gheall e gu ’n innseadh e ’chliu; Nuair a fhuair e gu lànachd Chuir e ’ghealladh ’s a ghràdh air a chùl. ’S iomadh fear tha ’n diugh brònach Anns a bhaile gun chòmhdach gun bhiadh; A chaidh fhuadach bho ’dhachaidh Leis na h-uachdarain lastanach, fhiat’. Aig na coitearan truagha, ’Tha gun fhearann, gun bhuaile, gun fhiar, Thar chàch uile tha aobhar Air bhith gearan ’s a glaodhach gu dian. Ged tha ’n croitear na eiginn Le lagh mallaicht’ fir fhéineil ’s le màl, Tha taigh-comhnuidh is mart aig, Ach tha ’n coitear am mach air an t-sràid; E gun fhàrdach, gun dion air, Ach fo shadadh na dìle ’s a Mhàrt, Gun mhart-bainne no caora, Agus pàisdean a ghaoil a dol bàs. Dhall an gionach luchd-riaghlaidh, Is cha ’n ioghnadh ged dh’ iarr iad am fonn ’Chur fo fhéidh is fo chaoraich, Ann an àite bharr chaoin agus shonn. Chaidh na bochdan a ruagadh ’Mach gu dùthchannaibh fuara ’measg chrann; ’Chall nan cluasan ’s nan srònan Leis an reothadh ’s an comhdaichean lom. Tha mi ’n dòchas gu ’n deanar Gnothach ceart leis na riaghlairean ùr’; Gu ’m bi suim ac’ de ’n gealladh, ’S nach bi foill air a cleachdadh ’sa chùil. Na biodh Alba na ’s fhaide Fo na prabairean sladach gun diu; Thoiribh saorsa do ’n tìr so,— Saors’ bho ainneart ’s bho chìsean an Diuc’. BAS. —Ann an Gleann nan Sgiathanach, air Dior-daoin, an darra latha fichead dhe ’n mhios, Cairistine Ghillios, tri fichead us ochd bliadhna dh’ aois. —Ann an New Canada, air an treas latha fichead dhe ’n mhios, Niall Mac Aidh, ceithir fichead us sia bliadhna dh’ aois. AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Clocaichean. A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha. Clocaichean Dusgaidh o $1.00 suas. Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas. Clocaichean Seomar-suidhe o 5.50 suas. Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas. Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn. BEZANSON, An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 177] [Vol. 9. No. 23. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE DESEMBER 7, 1900. No. 23. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. LE IAIN. CAIB. V. LACHLAINN ’S A BHEAN A’ COMHRADH. FHAD ’s a bha iad aig am biadh, bha iad a’ comhradh mu thimchioll caochladh nithean nach buineadh do ’n chomhradh a bh’ aca mu ’n mhaor; oir cha robh toil aca gu ’n cluinneadh a’ chlann, no an t-searbhanta, facal dhe na bh’ aca ri radh mu dheidhinn a’ mhaoir. Cha bu luaithe ’ghabh iad am biadh na dh’ fhalbh Domhull air cheilidh mar bu ghnath leis. O’n a b’ e an aon mhac, bha mòran dhe thoil fhein aige; agus, mar is minic a thachair a dh’ fhear dhe sheorsa, cha b’ fheairrde cùisean sin air a’ cheann mu dheireadh. Bha aig an t-searbhanta ri dhol air cheann turuis a thaobh eiginn; agus o’n a bha toil aig Lachlainn ’s aig a mhnaoi an inntinn a leigeadh ri ’cheile, chuir iad Ceiteag air falbh comhladh ris an t-searbhanta. Cha robh iarraidh sam bith aig an t-searbhanta air comunn Ceiteig an oidhche ud; oir bha làn fhios aice gu ’n innseadh Ceiteag a h-uile rud a chitheadh ’s a chluinneadh i. O nach ceileadh Ceiteag facal dhe na chluinneadh i, cha ’n fhaigheadh i ainm a b’ fhearr o mhuinntir a’ bhaile na “Beul gun fhàitheam”—ainm a bha glé fhreagarrach oirre. An uair a fhuair Lachlainn ’s a bhean an taigh dhaibh fhein, leig iad an inntinnean ri ’cheile, agus b’ e an comhradh a leanas pàirt dhe na bh’ eatorra. “Cha ’n ’eil mi idir a’ tuigsinn cia mar a fhuair thu cead a dhol a bhuain an fhraoich do ’n Ghlaic Mhòir. Tha thu ’g radh gur ann air sàillibh aoidheachd a thoirt do ’n mharsanta-paca ’fhuair thu cead; ach cha ’n ’eil mi ’tuigsinn cia mar a bhiodh gnothach aig an dara cuid ris a’ chuid eile,” arsa Catriona. “Tha mise ’creidsinn gur h-ann; agus o’n a tha sinn leinn fhein, innsidh mi dhut mo bharail mu ’n chùis. Thachair am maor rium an latha bha mi ’dol do ’n Bhail-iochdrach, agus bha sinn greis mhath a’ comhradh mu thimchioll iomadh ni. Thug esan iomradh air na bha de luchd-reic is ceannaich a’ falbh air feadh na dùthchadh aig an àm so. Thachair dhomhsa gu ’n d’ innis mi dha, gu ’n robh marsanta-paca air chuid oidhche againn, agus gu ’n robh e ’g innseadh dhomh gu ’m b’ aithne dha glé mhath an t-àite anns an robh e fhein ’na mhaor mu ’n d’ thainig e do ’n dùthaich so. Thug mi an aire gu ’n d’ thainig atharrachadh dreach air a ghnùis an uair a dh’ innis mi sid dha. Is e mo mhòr-bharail gu ’n do ghabh e amhrus, gu ’m faodadh gu ’n d’ innis am marsanta dhomh ni eiginn mu thimchioll na h-obrach a bh’ aige am measg an t-sluaigh mu ’n do chuireadh as a dhreuchd e. Riamh o’n lath’ ud thug mi an aire gu ’n robh e mòran na bu chaoimhneile rium na b’ àbhaist dha. An uair a bha mi ’falbh ’s a’ mhadainn an diugh a bhuain an fhraoich, thachair e rium, agus thuirt e rium, gu ’m faodainn a dhol do ’n Ghlaic Mhòir am bliadhna fhathast mar a b’ abhaist dhomh, agus na thograinn de ’n fhraoch a b’ fhearr a bhuain. Ach thuirt e rium gun mi dh’ innseadh do dhuine sam bith gu ’n d’ thug e cead dhomh, air eagal gu ’m biodh daoine eile ag iarraidh cead a dhol ann mar an ceudna. Thuirt e rium cuideachd, gu ’n robh a’ Ghlaic Mhòr, agus na tha de mhonadh am mach fad an t-siubhail ri taobh Loch Airidh na Lice gus an ruigear ceann Bagh a’ Ghreusaiche, gus a bhith air a shuidheachadh air fhein aig an ath Bhealltuinn. Dh’ earb e rium gun ghuth no iomradh a thoirt air so ri duine beò. Thoir thusa do cheart aire nach cluinn duine beò facal as do bheul mu ’n chùis. Ma thig aon fhacal dhe na dh’ innis e dhomhsa thun a chluasan, theid mi an urras nach fheairrde mise e.” “Cha ’n fhosgail mise mo bheul mu dheidhinn an t-seanachais ri duine beo. Agus cha ruigeadh tusa leas mo chur ’nam fhaireachadh, a Lachlainn. Cha chualas riamh fhathast gu ’n d’ innis mise do dhuine sam bith aon diomhaireachd a dh’ earbadh rium a chleith,” arsa Catriona ’s i ’togail colg oirre. “Ged a thuirt mise sid, cha ruig thusa leas a ghabhail gu h-olc uam. Cha mhisde duine sam bith a chur uair is uair ’na fhaireachadh. Am fear a ghleidheas a theangadh, gleidhidh e a charaid. Is e bhith ann an sìth ’s an càirdeas ris a’ mhaor, cùis a’s glice dhomhsa, agus dhutsa. Tha e ’na chomas mòran uilc a dheanamh oirnn, ma thogras e fhein. Cha ’n fhiosrach mise gu ’n robh maor riamh anns an dùthaich so, no ann an dùthaich eile, nach robh glé mhath dha fhein ’s dha chàirdean. Ma bhios sinne réidh agus modhail ris, cha chuir e call sam bith oirnn,” arsa Lachlainn. “Bidh sinn réidh ris gun teagamh. Cha ’n ’eil aobhar againn a dhol a dheanamh aimhreit ris. Cha chreid mi nach e boirionnach fior chòir, caoimhneil a th’ anns a’ mhnaoi aige. Gu dearbh tha teaghlach nighean aige cho dreachar, agus cho tlachdar ri ’m faicinn ’s a chunnaic mi fhein riamh,” arsa Catriona. “Ma tha iad cho math ’s a tha iad cho briagha, fòghnaidh sin. Ach tha eagal orm gu ’m bheil iad air an togail tuilleadh is teith. Cha bu toil leam té dhiubh ’bhith aig mo mhac mar mhnaoi. Theid mi an urras gu ’m bi iad gle sgaireapach. Cha ’n ann air mac duine bhochd a fhreagradh iad.” “Tha thu ’g ràdh na fìrinn. Cha dubhairt mise nach éireadh dhaibh mar a dh’ éirich do chlann a’ mharsanta bhàin. O’n a bha bùth aig an athair, agus o’n a bha taigh mòr, math aca, bha iad ag amharc sìos air a h-uile fear ’san dùthaich, ach fear ainneamh. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, ‘Cha ghabhadh iad na coisichean ’s cha ’n fhaigheadh iad na marcaichean.’ Dh’ fhag sin iad ’nan guragan truagha ann am bothan beag, bochd air ghainne bìdh agus aodaich. Cha b’ e a’ leithid a chleachd iad, na truaghain.” “Neo-ar-thaing nach robh nigheanan a’ mharsanta mòr asda fhein an uair a bha iad òg, ach an uair a dh’ fhàs iad sean, b’ fheudar dhaibh deanamh air an socair. Ghabhadh a h-uile te dhiubh deadh choisiche, nam faigheadh iad e; ach, mar a thuirt an seann duine, ‘Ge b’ e nach gabh ’n uair a gheibh, cha ’n fhaigh ’n uair is aill.’ Tha cuimhne glé mhath agam air a bhith cluinntinn mar a bha Mairi a’ mharsanta an impis a dhol thar a beachd leis a’ ghaol a bh’ aice air Alasdair mac Sheumais. Bha Alasdair mu dhà bhliadhn’ ar fhichead aig an àm, agus bha ise corr is dà fhichead bliadhna. O’n a bha màthair Alasdair agus nigheanan a’ mharsanta anns na h-oghachan dha chéile bhiodh an dà theaghlach gu math tric a’ taghal air a chéile. Is e thainig as a’ chùis mu dheireadh, gu ’n do thoisich Mairi ri tarruinn á Alasdair. Bheireadh i gu math tric cuireadh dha gus a dhol gu cuirm. An uair a dh’ fhalbhadh Alasdair dhachaidh, rachadh Mairi pìos dhe ’n rathad leis. Mu dheireadh thall thoisich daoine ri monobur ’s ri bruidhinn mu ’n chùis. Cha b’ fhada gus an cual’ a mhàthair gu ’n robh Alasdair a’ taghal tuilleadh is tric ann an taigh a’ mharsanta. Rud nach b’ ioghnadh, cha do chòrd an naigheachd idir rithe. Thuirt i ris lath’ àraidh ’s gun a staigh ach iad fhein le chéile:—‘Alasdair, a laochain, cha robh dùil agam gu ’n robh thu cho amaideach ’s gu ’m biodh tu ’deanamh suas ri Mairi a’ mharsanta. Is iomadh te cho òg rithe aig am bheil d’ aois de mhac. Ged a bhiodh Mairi gu math na b’ òige na tha i, cha b’ ann air do leithid a fhreagradh i. Cha b’ urrainn dut a cumail ann am biadh ’s an aodach cho math ’s a dh’ fheumadh i. Bha mòran m’ a laimh riamh; agus mar a tha ’m facal ag radh, Is deacair ’thoirt o’n laimh na chleachdas. So agad seanfhacal eile, Na toir bean á taigh mòr, ’s na toir bò á gràisich. Bi glic, agus grad sguir a chumail suas rithe. Tha e tuilleadh is tràth dhut smaointean air pòsadh; agus an uair a smaoinicheas tu air, tagh te a bhios cho òg riut fhein, no na ’s òige. Cha ’n ’eil ni olc sam bith agamsa ri chur as leith muinntir a’ mharsanta. Thainig iad o dhaoine cho measail ’s a bh’ anns an dùthaich; ach air a shon sin, cha tugainn de chomhairle ortsa, no air gille òg sam bith eile, té seach té dhe na h-igheanan a phòsadh.’ Cha tug Alasdair freagradh sam bith air a mhàthair leis an ioghnadh a chuir a cainnt air. Ged a bha e ’taghal an taighe, agus gu math tric aig cuirm, cha do smaoinich e riamh gu ’m bu chòir dha té seach té dhe na h-igheanan a phòsadh.” “Bha am boirionnach còir ceart gu leòr. Cha robh e coltach gu ’m biodh gille aotrom, òg, mar a bha Alasdair aig an àm ud, a’ deanamh suas ri té a dh’ fhaodadh a bhith ’na màthair dha. An robh am marsanta beò an uaìr sin?” “Cha robh, no bliadhnachan roimhe sid. Ach bha na h-igheanan a’ cumail na bùthadh gu math làn aig an àm, agus bha iomadh duine an dùil gu ’n robh iad a’ sìor chur airgid ma seach. Tha ’chuis coltach nach robh gnothaichean a’ soirbheachadh leotha cho math ’s a bha daoine ’smaointean.” “Is e mo mhòr-bharail gu ’m faodadh iad a bhith mòran na b’ fhearr dheth na tha iad, mur b’ e gu ’n [TD 178] [Vol. 9. No. 23. p. 2] do thòisich an aimhreit eatorra. Bha h-uile te dhe ’n cheathrar ag iarraidh a roinn fhein dhe na dh’ fhàg an athair.” “Sin agadsa mar a tha ’tachairt tric gu leòr. An taigh a tha air a roinn ’na aghaidh fhein, cha seas e. Nan robh iad glic, bha iad air feum math a dheanamh. Dh’ fhàg an athair cùisean glé dhòigheil, òrdail aca an uair a dh’ eug e; ach cha do chùm iadsan cùisean ann an òrdugh mar bu chòir dhaibh.” “Mòr ’s mar a tha iad asda fhein, dh’ fhaodadh iad an làmh a chur ann an iomadh car obrach. An uair a thig a’ bhochdainn, cha chum a’ mheud-mhòr ’s an uaisle daoine ann am biadh ’s an aodach idir.” “Tha thusa ’smaointean gu ’m bi nigheanan a’ mhaoir ’nan seana mhaighdeanan mar a tha nigheanan a’ mharsanta bhàin; ach cha ’n e sin mo bharail-sa air a’ chùis idir. Mur ’eil mise glé mhòr air mo mhealladh ’nam bharail, gheibh a h-uile té dhiubh pòsadh. Agus cha rachainn an urras nach fhaigheadh te no dithis dhiubh deadh phòsadh. Cha ’n fhiosrach mise gu ’n robh nighean maoir riamh ’san àite so, no ann an àite sam bith eile, nach d’ fhuair an t-olc no mhath de phòsadh, ged a thachradh dhi a bhith gun mhaoin gun eireachdas. Tha fhios aig a h-uile neach, gu ’m faigh a h-uile fear a phòsas nighean maoir, fearann cho math ’s a bhios anns an dùthaich. Agus ma bhios obair uachdarain, no fàbhar ri fhaotainn air an oighreachd, faodar a bhith cinnteach gur e cliamhuinn a’ mhaoir a gheibh an obair agus am fàbhar. Ach creid thusa mise, ’Chatriona, tha mollachd Dhé agus dhaoine a’ dol an cois gach euceart agus ainneart a tha ’n luchd-dreuchd a’ deanamh. Tha ’n obair a th’ aca an an-fhios do ’n uachdaran; ach cha rachainn an urras nach fhaigheadh e fios air rud no dha a chuireadh ioghnadh air mu ’n bi e mòran na ’s sinne na tha e.” (Ri leantuinn.) Litir a Ceap Nor. Ged tha mi suidhe sios an nochd a chum sgriobhadh a’ d’ ionnsuidh, ’s ann tha mi ’g am mheas fein coltach ri bhi ’s an aon suidheachadh ris a Ghaidheal chòir nach maireann, Ruairidh Friseal, ’n uair thug e air m’ athair tòiseachadh air sgriobhadh litir air a shon gu cuid de ’chàirdean ’s an t-seann dùthaich, o chionn da fhichead bliadhna. “De nis,” arsa m’ athair, “a tha thu ’dol a chur ’s an litir, a Ruairidh?” Fhreagair Ruairidh, “O, cha ’n ’eil fhios agamsa, a dhuine. Cuir beannachdan, beannachdan d’ an ionnsuidh!” A nis, ged tha beannachdan iomchuidh gu leor nan àite fhein, cha ’n fhagadh iad litir ach glé bhlian, ged bhiodh i air a lionadh leo. Mar sin cha ’n ’eil math dhomhsa deanamh mar dh’ iarr Ruairidh a dheanamh aig an àm ud, ged dh’ fhaodas mi ràdh le fìrinn, gu bheil mi ’g altrum deadh dhùrachd do MHAC-TALLA agus gach aon de ’chuid leughadairean. O’n rinn mi iomradh idir air Ruairidh, faodaidh mi innseadh gu ’n robh e comhnuidh le ’theaghlach roinn mhor de làithean a bheatha, ann an àite aonaranach, beagan mhiltean an iar air Pleasant Bay, ris an goirear Cobh an Iasgaich. O nach robh taigh eile air an t-slighe eadar Pleasant Bay agus Cheticamp, astar choig mile fichead, is minic a fhuair am fear-turais aoidheachd chairdeil aig Ruairidh; agus is cinnteach mi gur sgapte air feadh an t-saoghail moran dhiubhsan a chuir oidhche seachad maille ris O chionn fichead bliadhna air ais, fhuair mi fhein fios o’n t-siad ud a dhol a dheanamh obair shaoirsneachd taobh am muigh taighe a bha e ’togail aig an àm. Thuirt e nach ruiginn a leas a bheag de dh’ uidheaman saoirsneachd a thoirt leam, gu ’n robh aige fhein na dheanamh an gnothuch. An deigh a bhi ùine ghoirid ag obair bha feum air sgian-tharruinn, agus cha robh aon aig Ruairidh. Chuir e ogha dha air falbh le cabhaig a dh’ iarraidh aon o dhuine àraidh am Pleasant Bay. Thill am balach air ais ’s an anmoch mar dh’ fhalbh e, gun sgian; agus cha robh a sheanair idir toilichte. ’Nuair bha obair an la seachad, ’s a thionail sinn uile mu ’n ghealbhonn, dh’ fheoraich a’ bhean de Ruairidh an d’ fhuair an gille an sgian-tharruinn o Dhomhull. “Cha d’ fhuair, cha d’ fhuair, a bhean,” arsa Ruairidh; “nach robh aige fhein ris an ceann a thoir bharr laoigh leatha!” Tha ’m bàs air taghal ’s an àite so o sgriobh mi mu dheireadh. Air an aonamh latha deug de ’n mhios so, dh’ eug bean Dhomhnuill Dhomhnullaich ’s an Acarsaid-a-Deas. Bu nighean i do Chathul Mac-a-Phearsain, an t-eildeir. Bha i ’na mnaoi chliuiteach, na ball de ’n eaglais chléirich; aon o na bhnineadh dithis dheth cuid nighean leis a bhàs, an deigh dhaibh teachd gu làn mheud, beagan bhliadhnaichean ais ais. Gheibhear anns an litir so aon dolair o do dheagh charaid, Domhnull Moireastan, air son bliadhna eile dhe ’n MHAC-TALLA. ’S duilich leam gu bheil moran ann aig nach ’eil eolas sam bith air a phaipeir luachmhor so; ’s e sin, moran a tha comasach gu leoir air Gaidhlig a leughadh, agus cuid eile nach biodh fada tigh’nn suas riutha, nan cuireadh iad an comasan an cleachdadh. M. D. Ceap Nor, Nobhember 26, 1900. Sgeulachdan Arabianach. BEDER, PRIONNSA PHERSIA. CAIB. XIII. An uair a chuir e uime a chuid aodaich agus a dhirich e suas astar math os cionn a’ chladaich, thug e an aire gu ’n robh baile mor faisge air. Ach an uair a bha e ’dluthachadh ris a’ bhaile, thachair na h-ainmhidhean a dh’ ainmicheadh mar tha ris, agus bha iad a’ feuchainn cho math ’s a b’ urrainn daibh ri ’chumail am mach as a’ bhaile. Ach chaidh aige ann an uine ghoirid air a dhol a steach do ’n bhaile. Bha sraidean mora briagha anns a’ bhaile, ach cha robh duine ri fhaicinn air sraid no ann an taigh. Thug so air a bhith ’smaointean nach b’ ann gun aobhar a bha na h-ainmhidhean a’ feuchainn ri ’chumail am mach as a’ bhaile. Mar a bha e ’dol air aghairt troimh ’n bhaile, thug e an aire gu’n robh na buithean fosgailte; agus thug so air a bhith ’smaointean nach robh am baile cho falamh de luchd-aiteachaidh ’s a bha e ’saoilsinn. Chaidh e steach do bhuthaidh anns am fac’ e iomadh seorsa mheasan agus chuir e failte air seann duine a bha ’na shuidhe innte. Bha ’n seann duine gu trang aig obair araidh anns an am, agus an uair a thog e a cheann ’s a chunnaic e duine og tlachdar air an robh coltas na fior uaisle ’na sheasamh aig an dorus chlisg e, agus dh’ fheoraich e dheth co as a thainig e, agus ciod e an gnothach a thug a steach e. Dh’ innis Beder dha ann am beagan bhriathran mar a thainig e do’n aite. Dh’ fheoraich an seann duine dheth a rithist an do thachair duine sam bith ris air an rathad. “Is tu fhein a’ cheud dhuine a chunnaic mise o’n a thainig mi do’n aite,” arsa Beder, “agus tha e neo-chomasach dhomh a thuigsinn cia mar a thachair do bhaile mor maiseach mar a tha ’m baile so a bhith gun daoine ’fuireach ann.” “Thig a steach, mo thighearna,” ars an seann duine; “na fan na ’s fhaide aig an dorus air eagal gu ’n tachair beud dhut, agus innsidh mi dhut a rithist c’ar son a tha ’m baile gun sluagh, agus an t-aobhar air son gu ’m bheil e feumail dhutsa an aire mhath a thoirt dhut fhein.” Ghrad chaidh Beder a steach do’n bhuthaidh, agus shuidh e ri taobh an t-seann duine. An uair a chual’ an seann duine am mi-fhortan troimh ’n deachaidh Beder thuig e gu ’n robh feum aige air biadh, agus gun dail sam bith chuir e biadh air a bheulaobh. Ged a bha toil gu leor aig Beder fios fhaotainn c’ar son a bha ’n seann duine cho toileach a thoirt le cabhag a steach do’n bhuthaidh, cha’n innseadh an seann duine dha idir c’ar son, gus an do chuir e crioch air gabhail a bhidh, air eagal gu’n cuireadh an naigheachd a bh’ aige ri innseadh dha o ’bhiadh e. Ach an uair a ghabh e na thainig ris dhe ’n bhiadn a bh’ air a bheulaobh, labhair an seann duine ris mar so:—“Tha h-uile aobhar agad a bhith taingeil do Dhia gu ’n d’ thainig tu steach an so mu ’n d’ eirich beud sam bith dhut.” “Ochan! C’ar son?” arsa Beder. “A chionn,” ars an seann duine, “gur e so Baile na Draoidheachd, agus gu ’m bheil e air a riaghladh, cha ’n ann le righ, ach le banrigh, a tha araon ’na boirionnach cho briagha ’s a th’ air an t-saoghal, agus ’na ban-draoidh cho cunnartach ’s a bha riamh beo. Agus bidh lan-chinnt agad air so an uair a dh’ innseas mise dhut gu ’n robh na h-eich agus na miulaidean agus na h-ainmhidhean eile a chunnaic tu, ’nan daoine mar a tha mise ’s tusa gus an do chruth-atharraich ise iad le a droch innleachdan. Agus an uair a thig daoin’ oga mar a tha thusa do’n bhaile, tha daoin’ aice an sid ’s an so air feadh a’ bhaile gus greim a dheanamh orra, agus an toirt air aon doigh no doigh eile ’na lathair. Gabhaidh i riutha le caoimhneas agus le tlachd; bheir i dhaibh biadh is leaba cho math ’s a fhuair duine riamh agus bheir i orra chreidsinn gu ’m bheil i air tuiteam ann an trom-ghaol orra; agus air an doigh so tha i ’faotainn greim air a h-uile aon dhiubh. Ach cha leig i leotha an solas so a mhealtuinn fada. Ann an ceann da fhichead latha tha i a’ cruth atharrachadh a h-uile aon dhiubh gu coin no gu ainmhidhean. Dh’ innis thu dhomh gu ’n robh moran ainmhidhean a’ feuchainn ri do chumail o thighinn air tir, agus o thighinn do ’n bhaile. B’ e so an aon doigh leis an robh iad comasach air feuchainn ri thoirt ort a thuigsinn gu ’n robh thu ’g ad chur fhein ann an cunnart, agus rinn iad gach ni ’nan comas a chum do shabhaladh.” Chuir na dh’ innis an seann duine dha dragh mor air an inntinn aig Beder. “Ochan! nach bu mhi ceann a’ chruaidh fhortain!” ars’ esan. “Is gann a fhuair mi saor o aon draoidheachd, a tha ’cur uamhais orm an uair a smaoinicheas mi air, an uair a tha mi aghaidh ri aghaidh ri draoidheachd a tha moran na ’s uamhasaiche.” Thug so cothrom dha air mion-chunntas a thoirt do’n t-seann duine air mar a thachair dha. Dh’ innis e dha mar an ceudna gu ’m bu righ e, gu’n do thuit e ann an trom-ghaol air nighean rìgh Shamanndail, agus mar a chruth-atharraich i gu eun e cho luath ’s a dh’ innis e dhi gu ’n robh gaol aig’ oirre. An uair a dh’ innis Beder cho fortanach ’s a bha e an uair a thachair banrigh ris a thog na geasan dheth, thuirt an seann duine ris, agus toil aige misneach a thoirt dha. “Ged a tha na dh’ innis mi dhut mu dheidhinn na banrigh fior gu leor, cha ruig e leis dragh sam bith a chuir air an inntinn [TD 179] [Vol. 9. No. 23. p. 3] agad. Tha meas mor aig muinntir a’ bhaile ormsa, agus tha beagan eolais aig a’ bhanrigh fhein orm, agus tha meas mor aice orm mar an ceudna. Air an aobhar sin is e am fortan fhein a stiuir thun an taighe so thu. Cha ’n eirich beud dhut fhad ’s a bhios tu ’nam thaigh-sa. Agus is e mo chomhairle-sa dhut fuireach ann ma chi thu fhein iomchuidh. Agus mur falbh thu air faontradh feadh a’ bhaile, theid mi am bannadh dhut nach bi aobhar gearain sam bith agad ormsa. Tha thu mar so aig saorsa do thoile.” Thug Beder taing do ’n t-seann duine air son cho caoimhneil ’s a ghabh e ris, agus air son cho toileach ’s a bha e a ghleidheadh o chunnart. Shuidh e aig dorus na buthadh. Agus cha bu luaithe shuidh e na bha aire na muinntir a bha ’dol seachad air an t sraid air a tarruinn g’a ionnsuidh leis cho og ’s cho dreachar ’s a bha e. Sheas moran dhiubh aig an dorus agus thoisich iad ri cur an t-seann duine ann am moit a chionn gu ’n d’ fhuair e greim air seirbhiseach cho briagha ’s cho glan ris. Agus bha ioghnadh gu leor orra cia mar nach d’ fhuair a’ bhanrigh fios gu’n robh a leithid de dhuine og maiseach anns a’ bhaile. “Na creidibh idir gur e seirbhiseach a tha ’n so,” ars’ an seann duine; “tha fhios agaibh uile nach ’eil mise aon chuid cho beairteach, no idir ann an inbhe cho ard, ’s gu’m biodh seirbhiseach dhe ’n t-seorsa so agam. Is e th’ ann mac brathar dhomh; agus o nach ’eil ’athair beo, agus mi fhin gun duine teaghlaich agam, chuir mi fios air gus e thighinn a chumail cuideachd rium.” An uair a chual’ iad so, rinn iad comh-ghairdeachas maille ris a chionn e bhith cho fortanach ’s gu ’n robh an duin’ og, maiseach so daimheil dha. Ach cha b’ urrainn iad gun innseadh dha gu ’n robh eagal orra ga’n tugadh a bhanrigh uaith e. “Tha thu eolach gu leor air a doighean,” ars’ iadsan “agus cha ’n urrainn dut a bhith aineolach air a’ chunnart anns am bheil thu, an deigh a liuthad duin’ og maiseach a chuir i fo gheasan. Nach ann ort a bhiodh an cradh cridhe na ’n deanadh i airsan mar a rinn i air iomadh fear eile a b’ aithne dhuinn!” “Tha mi fada ’n’ur comain,” ars’ an seann duine, “air son an deadh ruin a th’ agaibh dhomh, agus tha mi le m’ uile chridhe ’toirt taing dhuibh air son na suim agus a’ churaim a th’ agaibh dhe m’ ghnothach; ach cha chreid mi gu brath gu ’n dean a’ bhanrigh cion sam bith orm an deigh a h-uile caoimhneas a bha i nochdadh dhomh. Ma thachras gu ’n cluinn i mu ’n duin’ og so, agus gu ’m bruidhinn i riumsa ma dheidhinn, cha ’n ’eil teagamh agam nach sguir i ’smaoineachadh air an uair a gheibh i mach gur e mac brathar dhomhsa ’th’ ann.” Bha ’n seann duine anabarrach toilichte a chionn na bha ’n sluagh a’ deanamh de mholadh air Beder. Bha e cheart cho toilichte ’s ged a b’ e a mhac fhein a bhiodh ann. Bha e fas na bu mheasaile air a h-uile latha mar a bha tighinn. Ann an ceann mios, an uair a bha Beder ’na shuidhe aig dorus na buthadh mar bu ghnath leis, thachair gu ’n robh banrigh Labi (oir b’ e so ainm na ban-draoidh) a’ dol seachad an t-sraid le mor-ghreadhnachas. Cha bu luaithe a chunnaic Beder na freiceadain a bha air thoiseach oirre na dh’eirich e as an aite ’s an robh e ’na shuidh, agus an uair a chaidh e steach do ’n bhuthaidh, dh’ fheoraich e dhe ’n t-seann duine ciod bu chiall do na bha e ’faicinn. “Tha ’bhanrigh a’ dol seachad,” ars’ esan; “ach seas thusa far am bheil thu, agus na biodh eagal sam bith ort.” Bha freiceadain na banrigh air an eideadh ann an aodach purpair, agus fo’ n lan armachd, a’ marcachd seachad, agus a h-uile ceathrar dhiubh taobh ri taobh. Bha mile ann dhiubh, agus bha claidheamh ruisgte ann an laimh gach fir dhiubh. Agus chuir a h-uile fear dhe na h-oifigich failte air an t-seann duine an uair a bha iad a’ dol seachad air dorus na buthadh. ’Nan deigh so chaidh mile caillteanach seachad ’s iad air an eideadh ann an sioda de dh’ obair-ghreis, agus iad a’ marcachd air eich a b’ fhearr agus bu mhaisiche. Chuir na h-oifigich a bh’ orrasan failte air an t-seann duine mar an ceudna. ’Nan deigh so bha moran de mhnathan uaisle oga maiseach a’ coiseachd air an socair fhein, agus iad ann an trusgain a bha anabarrach riomhach as an robh lainnir leis na bh’ annta de chlachan luach-mho. Bha sleagh ghoirid ann an laimh gach te dhiubh. Agus ’nam meadhain so bha banrigh Labi a’ marcachd air steud each grinn air an robh diollaid oir agus a bha dearrsadh le daoimein. Chuir na mnathan uaisle oga gu leir failte air an t-seann duine an uair a bha iad a’ dhol seachad. An uair a thug a’ bhanrigh an aire do Bheder, stad i mu choinneamh an doruis. “Abdallah,” ars’ ise (oir b’ e so ainm an t-seann duine,) “innis dhomh, tha mi guidhe ort, an ann leat fhein a tha’n seirbhiseach og, maiseach, tlachdar sin? Agus am bheil fad o ’n fhuair thu e ?” Comhradh ri Mnaoi Thinn. Ciamar a tha thu, a Chatriona? Chuala mi gu robh thu tinn, agus thainig mi stigh feuch am b’ urrainn dhomh beagan sunnd a chur ort. Tha mo chàirdean uile ’g radh gu ’n dean céilidh bheag uamsa feum mor dhaibh nuair nach bi iad ’g am faireachadh féin gu math; gu bheil mi cho còmhraiteach agus cho aoidheil agus nach urrainn iad a bhi trom-inntinneach na m’ làthair. Agus bha mi air son tigh’nn a stigh a choimhead ort co-dhiu, a chionn, mar a bha mi ’g radh rium fhein nuair a bha mi direadh na staidhre, “Cha ’n eil fhios nach e so an turas mu dheireadh a chi mi Catriona bean Sheòrais beò.” “Cha ’n eil thu ’n dùil bàsachadh fhathast, an e thubhairt thu? Ma ta, ’s beag a tha fhios agad. Bha bean Sheumas Dhuinn air feadh an taighe ’s a h-uile h-aon a bruidhinn air cho math ’sa bha i dol am feabhas, ’nuair a bhuaileadh thairis gu grad le tinneas a chridh’ i, ’s dh’ fhag i an saoghal ann an tionndadh na boise. Cha dean math dhut a bhi fo iomguin no an fhoiseil na t’ inntinn. Tha fhios nach bi gnothuichean a dol air adhart cho math ’sa bhitheadh iad ’nan robh thu fhéin shios ’nan ceann; agus bha mi smaointeachadh an robh fhios agad gu robh Uilleam beag ann an tubaidh an teis-meadhon dama na muillne, agus gu robh Somhairle feuchainn ri Calum a leigeil sios bhar lobhta ’n taigh-chonnaidh ann am bascaid an aodaich. A chiall seall orm! ciod e tha cur ort? Saoil nach dean am freasdal an coimhead. Na seall orm ’s an dòigh sin. Bha thu smaointeachadh gu robh Raonailt ’g an coimhead, an robh? Ma ta, ’s i nach eil. Chunnaic mis’ i na seasamh aig a’ gheata a’ bruidhinn ri duine mor, duaichni, air an robh fior choltas a mheairlich. Cha rachainn mionaid an urras nach do leig i leis beachd a ghabhail air iuchair an doruis air dhòigh ’s gu ’n teid aige air iuchair mheallta dheanamh. Ma rinn e sin cha ’n eil ni a’s cinntiche na gu ’n tig e stigh air feadh na h-oidhche agus gu ’m mort e h-uile duine tha fo dhruim an taighe. Chaidh teaghlach a mharbhadh air Cnoc-an-Uinnsinn air an t-seachdain s’a chaidh, air son leth-cheud dolair. Nach b’ uamhasach an gnothuch sin. Nise, ’Chatriona, ’s fhearr dhut feuchainn ri bhi socair; cha dean math dhut a bhi cho an-fhoiseil sin; tha e gle dhona dh’ an ghille. An creutair beag, bochd! Agus cha ’n eil fhios agadsa no agamsa nach fhaod e bhi bodhar no balbh no crùbach ’nuair a dh’ fhàsas e suas. Tha e doirbh a dhol roimhe ciod a bhios cearr air pàisde dhe ’aois. Ach a chuid a’s motha dhiubhsan aig am bi an ciall ’s an cothrom, ’s olc am feum a ni iad dhiubh, agus bu chòir sin a bhi na chomhfhurtachd dhutsa ma thachras gu ’m bi dad cearr air. Agus tha cuid eile dhiubh nach fhaic ceann na ceud bliadhna. Chunnaic mi tiodhlacadh pàisde dol seachad direach mu ’n d’ thainig mi stigh. Ciamar a tha Seòras? Gu math, ach a’ cur uidheachd air an teas anns a’ bhaile. Ma ta, cha ’n eil sin a’ cur ioghnadh sam bith orm. Tha iad a’ tuiteam ’s an ceudan le teas na gréine na h-uile seachdain. Na cuireadh e ioghnadh sam bith ort ged a bhiodh e air a ghiùlan dhachaidh latha dhe na lathaichean so. Agus ’s e gnothuch gle chunnartach a th’ ann dha a bhi ’falbh ’sa tighinn gach maduinn us feasgar air a’ charbad-iaruinn. Tha mi-fhéin a smaointeachadh gu bheil duine tha dol ro thric air na h-uidheaman siubhail sin a buaireadh am Fhreasdail. Mo chreach! ’s beag fhios a th’ againn ciod na cunnartan uamhasach a tha daonnan a feitheamh oirnn ris nach eil dùil sam bith againn. ’S neo-chinnteach an saoghal a th’ ann. Tha ’m fiabhrus dearg air bristeadh am mach am measg na cloinne anns a bhaile. Tha ’m fear a’s òige de ghillean a ghobha ’na laidhe tinn leis, agus chunnaic mi Seumas beag agaibh-se a cleasachd comhla ris Di-satharna s’a chaidh. Tha uam a nise bhi falbh. Tha agam ri dhol a choimhead bana-charaid eile tha gle fhaisg air a bhi cho tinn riut fhein, agus cha bhiodh mo chogais reidh rium an nochd mur rachainn a dh’ fheuchainn ri beagan sunnd a chur oirre mu ’n gabhainn fhéin mu thàmh. Slàn leat, ma ta. ’S tu th’ air fàs neulach, glas ’s an aghaidh. Cha chreid mise gu bheil dotair ceart agad. Nach fhearr dhut a chur uat agus fear eile fheuchainn. Cha ’n eil thu idir cho math dreach ’sa bha thu ’nuair a thainig mi stigh. Ach ma theid thu na ’s miosa feuch gu ’n cuir thu fios orm. Ni mi na ’s urrainn mi gus t’ inntinn a thogail, agus sin rud a ni feum mor do neach a bhios an droch shlàinte. Bidh an latha mu dheireadh de dh’ October, 1900, ainmeil ann an eachdraidh eaglaisean na h-Alba. Air an latha sin bha an Eaglais Shaor agus an Eaglais Chleireach Aonaichte air an aonadh na ’n aon eaglais. Bha an da eaglais a’ deanamh chòrdaidhean aonaidh o chionn àireamh bhliadhnaichean, agus a nise tha an t aonadh air a thoirt gu crìch. Is e “Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba” is ainm do ’n eaglais ùir. Dh’ fhuirich àireamh bheag de mhinistearan na h-Eaglais Shaoir a mach, agus tha iad a’ cumail ainm na h-Eaglais Shaoire dhaibh fein, a’ deanamh a mach gu ’n d’ fhàg a bhuidheann mhor a chaidh do ’n aonadh cuid de phrionnspalan na h-Eaglais Shaoir air chùl. Tha a mhor chuid diubh sin anns a Ghàidhealtachd. Tha e doirbh a dhol roimhe fhathast ciod an soirbheachadh a bhios leotha-san, no an lean moran dhe’n t-sluagh iad. Cha ’n eil ann an Alba nise ach da mheur mhor de ’n eaglais Chleirich, an Eaglais Stéidhichte agus an Eaglais Shaor Aonaichte agus tha moran anns an da eaglais sin an dùrachd ’s am barail nach ruith moran bhliadhnaichean gus an aonaich iad, ’s nach bi ann an Alba an uair sin ach aon eaglais Chleireach, mar a tha cheana ann an Eirinn, an Sasunn, an Canada ’s an dùthchannan eile. [TD 180] [Vol. 9. No. 23. p. 4] MAC-TALLA: AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am. litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA.” SYDNEY, CAPE BRETON DI-HAOINE, DESEMBER 7, 1900. Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh bha ceithir cheud de’n arm Bhreatunnach air an cuartachadh agus air an glacadh leis na Boerich. Bha mu dha mhile gu leth dhe na Boerich ann, agus cha b’ urrainn na Breatunnaich seasamh ’nan aghaidh. Tha so ’na thilleadh mor do na Breatunnaich; bha sinn an dùil gu robh an cogadh faisg air a bhi thairis, agus na Boerich ullamh gu toirt suas, ach tha e coltach nach eil. Ma fhuair Pol Crugar fhàilteachadh anns an Fhraing, cha d’ fhuair e failte sam bith a chur air an àiteachan eile. Cha ’n eil Impire na Gearmailt air son a ghnùis fhaicinn idir; cha’n eil ùin’ aig Impire Austria air son éisdeachd a thoirt dha; agus chaidh iarraidh air fonn Bhelgium a sheachnadh gu buileach. Dh’fhaodte gu’m faigh e an seanchas an t-Sàir, ach cha dean an urra mhor sin fàbhar sam bith ris. Ma bha e ’n dùil gu robhas a dol a dheanamh cuideachaidh leis anns an Roinn-Eòrpa, bha e gu mor air a mhealladh. Tha iomadh sgeul a tigh’nn á Sina a thaobh an dòigh anns am bheil saighdearan Criosdail na Roinn-Eorpa a buntainn ris na Sineich, agus ma tha iad fior, tha iad maslach da-rireadh. A reir nan sgeul sin cha’n eil tròcair sam bith air a nochdadh do na Sineich nuair a gheibhear iad ciontach de naimhdeas sam bith a nochdadh. Tha na Ruiseanaich agus na Gearmailtich gu h-àraidh trom orra. Cha chuala sinn gu robh lamh sam bith aig an arm Breatunnach ann an an-iochd sam bith a nochdadh dhaibh, agus tha dòchas againn nach cluinn. Tha e ceart gu leòr na Sineich a pheanaisteachadh, nuair a choisneas iad sin, ach tha a ceart aig an àm cheudna a bhi cho tròcaireach riutha ’sa ghabhas deanamh, agus gun am peanaist a dheanamh na’s truime na ’s còir dha bhith. Bha àireamh cheudan de’n luchd-obrach ann am factoridhean bhròg Cuebec a mach air strike, ach tha iad an deigh a dhol air ais gu’ n obair. Tha e nise coltach gu ’n teid an luchd-obrach anns na factoridhean am Montreal a mach. Tha cuid de na saighdearan Canadach an dràsda ann an Lunnuinn, air an turus dhachaidh, agus tha iad air am fàilteachadh gu cridheil gach taobh a theid iad. Tha a bhanrigh fhéin a toirt mor speis dhaibh, agus a nochdadh gu bheil i anabarrach buidheach dhiubh air son a dhol a chogadh na h-aobhar, agus pròiseil air son cho treun ’s cho gaisgeil ’sa ghiulan iad iad-fein anns na blàraibh. Chaochail an t-Urramach Seumas M. Quinan, D. D., ann am Montreal maduinn na Sabaid s’a chaidh, aig aois leth-cheud bliadhna ’sa ceithir. Bha e air a shuidheachadh o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ann am paraiste Arichat, agus bha e ’na Vicar-General an sgireachd-easbuig Antigonish. Bha e ’na ard sgoilear, agus na shearmonaiche ’s na fhear-riaghlaidh taitneach. Bu mhac bràthar e do ’n Urr. Seumas Quinan a bha gus o chionn ghoirid ’na shagart paraiste an Sidni. Rinneadh comh-fheall ann am Pretoria o chionn ghoirid air son cur as do Mhorair Roberts. Bhatar a’ dol a shéideadh suas na h-eaglais anns am bitheadh e ag aoradh la na Sabaid; bha mar sin, cha’n e mhain Morair Roberts, ach an coithional gu h-iomlan ri bhi air an cur gu bàs. Cha robh làmh sam bith aig na Boerich anns a ghnothuch. Bha an t-ais-innleachd air a dhealbh le coignear Eadailteach, ceathrar Ghreugach agus aon Fhrangach, daoine nach buineadh do’n dùthaich idir. Gu fortanach fhuaireadh am nach na bha nam beachd an deagh àm,agus tha ’n deichnear an diugh anns a phriosan far am bi iad gus an toirear a mach binn orra ’s am bi iad air an cur gu bàs mar is math a choisinn iad. Cha duine Morair Roberts a ni eucoir no bhios na’s cruaidhe air sluagh na dh’ fheumas e bhith, agus cha’n eil leisgeul sam bith acasan a thug an ionnsuidh air a bheatha. Bha ann uair maighstir sgoile nach robh gle chùramach mu choltas. Bha e mi-sgiobalta ’na ghluasad, agus bha a dhreach daonnan mar nach bu chòir dreach fir sam bith a bhith d’ an obair a bhi teagasg ’sa toirt eiseimpleir do’ n mhuinntir òg. Bha e aon latha a’ cronachádh gille a bha anmoch a tigh’nn dh’ an sgoil, agus ghabh an gille mar leisgeul nach robh ùin’ aig gu e fein a dheanamh deiseil. “Ma ta,” ars an maighstir sgoile, “tha sin gle neònach; tha cheart uiread ùin’ agad ’sa th’ agamsa, agus cha’n eil mi anmoch latha sam bith.” “Tha sin ceart gu leòr,” ars an gille gu neo-choireach, “ach bidh mise nigheadh m’ aodainn.” AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, MANAGER AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 181] [Vol. 9. No. 23. p. 5] NAIGHEACHDAN. Anns an stoirm shneachda bh’ ann toiseach na seachdain s’a chaidh, chaill fear Fred Vessy a bheatha faisg air Baile-Shearlot, E. P. I. B’e Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh Latha Taingealachd anns na Stàidean; tha an latha air a shuidheachadh aca anns an dùthaich sin, an Dior-daoin mu dheireadh de dh’ October. Ann an Canada tha an latha air a chur air leth gach bliadhna leis an ard-riaghladh. Bha deagh rathad shleigheachan againn an so oidhche Di-ciaduin agus Dior-daoin, a cheud uair a bha sin againn air a gheamhradh so. Bha rathad shleigheachan ann an cearnan eile dhe’n eilean o chionn corr us seachdain. Bha doimhneachd mhor shneachda ann an àiteachan. Tha e coltach gu bheil na panthers, gu math pailt fhathast ann an cearnan de na Stàidean an iar. Bha nighean tuathanaich, a bha fuireach faisg air Cartwright, Wisconsin, air a giùlan air falbh le fear de na beothaichean oillteil sin an la roimhe, ’s air a h-ithe anns a choille faisg air a dachaidh. Tha baile Ghlace Bay a’ fàs gu math bras air a bhliadhna so. Tha cuideachd a ghuail a’ dol a thogail ceithir fichead tigh ’sa deich air a gheamhradh so air son mhéinneadairean ris am bheil dùil aca toiseach an earraich; a bharrachd orra so bha àireamh mhor thaighean air an togail re an t-samhraidh. Tha an taghadh aca ann an Cuebec an diugh. Cha’n eil teagamh sam bith nach bi a phàirtidh a bha ’n dreuchd roimhe so, na liberals, air an cur an dreuchd a rithist; fhuair a h-aon deug an fhichead dhiubh a stigh gun ruith idir, àireamh a tha gle fhaisg air darra leth na tha ri bhi de bhuill ’sa phàrlamaid air fad. Leis cho stoirmeil ’sa bha an t-side Di-ciaduin, cha robh ach àireamh bheag, mu thri cheud, de luchd-taghaidh na siorrachd cruinn air son òraidean latha ’n ainmeachaidh a chluinntinn. Ach bha na h-òraidean air an liubhairt mar a b’àbhaist, agus cha’n eil aig daoine nise ach feitheamh gus an tig latha ’n taghaidh. Ann am Pictou dh’ aontaich iad fear dhe gach pàirtidh a leigeil a stigh ’s gun taghadh a bhi ann idir. Chaidh bristeadh a stigh do stor C. W. Lavers ann an Sidni Tuath oidhche Di-dònach s’a chaidh. Tha e gle choltach gur e airgead a bha dhith air na meairlich, ach o nach d’ fhuair iad sin, thug iad leotha luach ceud gu leth dolair de thombaca, cigars, agus pioban. Cha d’ fhuaireadh lorg sam bith orra fhathast, ach tha cuid am barail gu ’m bu sheòladairean iad bhar aon de na soithichean a bha ’san acarsaid an oidhche sin. Chaidh robair iomraiteach d’am b’ ainm Mussolino a thoirt gu cùirt anns an Eadailt o chionn ghoirid air son mort. Am feadh ’sa bhatar ’ga fheuchainn, fhuair e m’a sgaoil, agus mharbh e am breitheamh, seachdnar dhe’n jnry, agus a h-uile aon de na bha air an toirt ’na aghaidh mar fhianuisean. Theich e an sin do na beanntan, agus tha riaghladh na h-Eadailte a’ tairgse da fhichead mile dolair air son a ghlacadh beò no marbh. Thatar a mise ’g radh gu bheil taghadh gu bhi aca ann an Ontario. Tha cho liutha taghadh ann am bliadhna ’s gu bheil daoine air fàs sgith dhiubh, ’s bidh iad toilichte ’nuair a bhios iad uile seachad. Tha an t-side air fàs fuar agus stoirmeil. Bha cur us cathadh mor ann Di-ciaduin. Cha ’n eil e ro-choltach gu’m bi an geamhradh so cho briagha blàth ’sa bha na geamhraidhean o chionn beagan bhliadhnaichean; agus tha sin gu math na ’s fhearr dh’ an dùthaich. Chaidh barrachd sgadain a chur do na Staidean á Newfoundland am bliadhna ’sa chaidh a chur ann bliadhna riamh roimhe. A cheud da latha dhe’n mhios bha luchd deich soithichean air a chur air tir an Gloucester, Mass., da mhile dheug baraille uile gu leir. Ann am Marysville, N. B., Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, bha muileann sàbhaidh agus muileann bleith le fear Gibson air an losgadh gu làr. Tha an call air a mheas aig coig mile deug air fhichead dolair. Chaidh an teine fhadadh le fear de’n luchd-obrach a dh’ fheuchainn ri lampa laiste a lionadh le olla. Mar is luaithe bhios cogadh Africa mu Dheas seachad, ’s ann is fhearr le muinntir nan eileanan Breatunnach. Tha a chumail air adhart a cosg dhaibh seachd millean gu leth dolair ’s an t-seachdain, còrr us millean dolair ’san latha. Feumaidh na cisean a bhi air an tromachadh gu mor air son cosguis a chogaidh so a dheanamh suas. Chaidh ionnsuidh a thoirt air R. C. Hamilton, fear-deasachaidh aon de phaipearan Phictou, a mharbhadh air an t-seachdain s’a chaidh. Loisgeadh urchair air troi ’n uinneig, ach gu fortanach cha deach am peilear na chòir. Tha an doigh so air cur as do luchd deasachaidh phaipearan car annasach anns an dùthaich so. Tha iad mar is trice air an cur gu bàs leis a’ bhochduinn. Bha an solus electric na shàrchadh mor do mhuinntir a bhaile air an fhoghar so, a’ dol as gu tric, agus aig amannan eile cho beag feuma ’s nach mor nach bu cho math a bhi as aonais. Di-luain s’a chaidh, chaidh àireamh de ’mharsantan ’s de luchd-gnothuich a bhaile do oifis na cuideachd a ghearan air mar a bha iad a fulang le cion soluis, ’sa maoidheadh seòrsa soillseachaidh eile ghabhail mur rachadh an solus so am feobhas a dh’ aithghearr. Gheall luchd dreuchd na cuideachd gu’m biodh an solus na b’fhearr o so a mach; tha sinn an dòchas gu’m bi ’nan comas an gealladh sin a chumail. Tha seann duine còir a fuireach aig Méilnnean Guail Mhabou ris an canar anns an t-seann dòigh mhath Ghàidhealaich, “Gilleasbuig mac Dhomhuill an t-saoir.” Tha e ceithir fichead bliadhna ’sa seachd a dh’ aois, ach ged a tha, cha do chum sin e gun dol a mach latha ’n taghaidh, agus choisich e coig mile thoirt seachad a bhòt. Rinn e duanag bheag air slàinte ’n fhir d’an d’thug e i, agus mur b’ e ’n t-eagal a bhi oirnn gu’m biodh iadsan a bhòt air an taobh eile ’nar cìrean, chuireamaid anns a MHAC-TALLA i. Tha sinn a’ guidhe saoghal fada agus comas bhotaidh iomadh uair fhathast dh’ an laoch. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. Gibhtean Nollaig Gu de b’ fhearr le do chairdean na do dhealbh fhein air a deagh tharruinn? An aite bhi sarachadh t’ inntinn a’ smaoineachadh gu de chuireas tu g’ an ionnsuidh mar ghibht, theirig do’n t-seomar dhealbh aig Kelly & Dodge, agus faigh dusan dhealbh. Tairnidh iad dealbhan air an latha no air an oidhche, latha soilleir no latha dorcha. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son sar obair mhath. Kelly & Dodge, Dealbhadairean, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. [TD 182] [Vol. 9. No. 23. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXII. BLAR CHUIL-FHODAIR. Bha’n t-arm dearg a nis’ a’ teannadh dlù dhaibh ann am fir òrdugh blàir, thog iad a’ chath-ghairm le fathrum nan ceudabh druma, agus chìte an armailt mar ghàradh fada de lasair sholuis le lainnir nam béigeileidean ruiste ri ghréin. Bha na Gàeil gha’n amharc a dlùthachadh ri uchd catha le na bu mhò ’dh’iongantas no dh’ uabhas agus cha do thionndaidh iad an sùil a null no nall gus na stad nan naimhdean ma uidhe cheud ceum mu’n coinneamh air a bhlàr! Bha ’n latha ’bha roimhe so tioram agus grianach a nis’ air fàs gruamach le coltas doireinn, agus thòisich frasan gailbheacha meallain air brùchdadh a nios le stòirm bho’n airde-n-ear-thuath ann an aghaidh nan Gàel. Thug iad an sin ionnsaidh air faighinn air fuaradh air an àrm-dhearg, ach cha deach’ ac’ air a’ sin a’ dheanamh. An deigh dha’n dà armailt leth-uair a’ dh-ùin a chaitheamh a’ co-strith ma thaobh na gaoithe, stad an dà fheachd air an talamh air na sheas iad air tùs fa chomhair a’ chéile. Bha’n dà armailt seal ma choinneamh a chéile, gun bhuille gun urchair. Fa-dheoigh, thòisich an iomairt air taobh nan Gàel. Thug iad an cuid gunnaichean mòra fa chomhair prasgan dheth na nàimhdean anns an robh iad an dùil a bha ’n Dùic na sheasamh, agus thòisich iad air bras losgadh agus chualas fear dheth na Gàeil féin gu tric ag aithris gum “b’ann le cuimse cho olc is nach buaileadh iad cruach-mhòin’ air a tarsuinn!” Bha na peileirean a dhol céin thar ionad sheasamh nan naimhdean, agus ged a loisg iad ma cheud urchair dhiù so cha do rinn iad a dhochann air an eascaraid ach te dheth na casan a chuir de dh’ aon duine le peileir fuadain! Tacan an deigh sin dh’ fhosgail an t-arm dearg an cuid gunnaidhean mòra fein, fa-chomhair nan Gàel, chaidh an cuimseachadh riu le Corneileir Beadford, an gunnair a b’ ainmeile a’ bh’ ann am Breatainn ri linn, chaidh an lionadh le peileirean frois; thòisich a ghunaireachd is cha b’e sin a chuspaireachd chearbach, bha gach urchair a cuir na ficheadan dheth na Gàeil ri talamh, loisg e dà urchair air prasgan each far an robh am Prionnsa na sheasamh, agus b’ann le cuimse cho math is gu’n bhuail an talamh a dhùisg a h-aon dheth na peileirean am Prionnsa ma na sùilean! agus mharbh am peileir eile gille’ bha na sheasamh r’a thaobh. Leis a ghunnaireachd mhilltich so chunnaic na Gàeil iomadaidh dheth an càirdean gaoil nan sìneadh gun deò air an àilean, agus cha b’ urrainn Clann-Chatain cumail orra féin n’a b’ fhaide, agus ged nach robh iad riabh roimhe sin ri aghaidh teine, no ann am blàr bhrùchd iad air an aghaidh tro theine nan nàimhdean, agus ged a bha iad air an dalladh le ceò an fhùdair is le dlù chur sneachd ’a bha seideadh gu laidir nan aghaidh, rainig cuid aca na nàimhdean, ruith na h-Abhallaich, na Cama-Shronaich, na Stiùbhartaich, na Frisealaich, agus Clann-’Leain, as an deighe. M’a ùin dà mhionaid an deighe sin, bha na Fineachan gu léir, ach Clann-Domhnuill, ri aodann nan nàimhdean le claidheamh a’s sgiath. Ged a bha canoin nan Gall a sadadh pheileirean air feadh nan Gàel mar gharbh-fhras de chlacha-meallainn an Fhaoillich thriall nan laoich gu ’n tioma air an aghaidh, chum faighinn an ionad tarruinn la[?] agus mar gu ’n sgaoileadh osag nam beann an ceò air falbh bharr uilinn nan cnoc, dh’iomainn na Gàeil na trì réiseamaidean a bha mu’n coinneamh rompa, iar dhaibh iad so a chuir bho thapadh, ruith iad air aghaidh cuideachd eile dheth an àrm-dhearg, ach loisg iad so làdach ghunnaidhean caola nan codhail agus a’ chuid dhiù nach do mharbh an teine sin bha na trì béigeileidean sàite còladh nan corp, agus bu ghann a fhuair iosal no uasal diu ás le’m beatha. Bu cho mòr an t-ár a rinneadh a measg nan Gàel man am sin is gun d’ fhuaradh ann an iomadach àite dheth an àraich truir a’s ceathrar dhiu na laidhe marbh air muin a cheile. Dheth na phrasgan threun de Chlann Chatain a chuir bain-Tighearna Mhic-an-tòisich fo’n armachd, cha do phill a dh-aithris an sgeoil ach ma dheich ’ar fhichead agus trùir oifigeach. ’Nuair a bha chuid eile dheth na fineachan Gàelach, mar sud a treun-iomairt nan lann anns sa chaonnaig bhasmhoir ach chlù-mhaireannaich so, bha Clann-Domhnuill nan seasamh balbh dh’an amharc agus dhiult iad claidheamh a’ tharuinn a truaill, a chionn nach dh’ fhuair iad urram na laimhe deise, far bu dual daibh seasamh anns gach cath bho latha Allt-a-Bhonnaich. Thoisich Diùc-Pheairt air am brosgnachadh gu fearra-ghniomh, ag innse dhaibh nan rachadh iad sios le meanmna gaisge Siol-Chuinn, agus iad fein a dhearbhadh sa’ chaonnaig mar ’b ’abhaist dha ’n aiteam air an sloinnt’ iad, gu’n goirt’ an laimh dheas ris an làimh chli a mach bhuaidh sin, cho fad sa’ bhiodh Gàel air domhainn no seanachaidh a dh’ aithriseadh sgeula nan cath. Ach cha’n fhoghnadh so le Clann-Domhnuill, cha rachadh iad ceum air aghaidh, agus ged a loisg an t-arm-dearg làdach ghunnaidhean caola nan aodann cha do tharrunn iad lann na gunna, agus ’nuair a chunnaic iad gun robh na Gàeil eile gu bhi shios dheth, thug iad am buinn as. ’Nuair a chunnaic Fear na Ceapaich, an t-uasal treun fuighantach, a luchd-cinnidh a’ Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROGDEASHN-ACAHDEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 183] [Vol. 9. No. 23. p. 7] fagail a raoin mar chlaghairean, bha chridhe air a chradh na chòm agus ruith e na aonair an dàil nan nàimhdean le claidheamh rùiste na laimh dheis agus daga na laimh chlì, a labhairt nam briathran so mar bha e triall:—“Mo Dhia! an do thréig Clann mo Chinnidh mi?” Cha deach e ach tacan air aghaidh nuair a thilg peileir gunna caoil gu làr e, thog fear dheth a’ chuid daoine suas e agus ghrias e air teicheadh air falbh dheth an àraich le bheatha, thuirt fear na Ceapaich ris an duine e thoirt an airre air féin, agus thug e’n sin an ath dheann air aghaidh, agus air ball bhuail an ath pheileir e agus thuit e sios gun deò. ’Nuair a chunnaic an Diuc gun robh na Gàeil air thì teicheadh, dh’ iarr e air a’ chuid trùpairean iathadh mun cuairt dhaibh a chum nach taradh iad teicheadh gus an rachadh an tur sgrios, thug na trùpairean an ionnsaidh air a’ sin a dheanamh ach cha deach ac’ air, bha na réiseamaidean Macrach na Fràngaich, agus na h-Eireanaich fathast gun bhristeadh agus loisg iad làdach air na trùpairean a chuir stad air an gluasad gus na thar na Gàeil teicheadh, agus dh’ fhag iad an àrach nan dà chuideachd. Ghabh a h aon dheth na cuideachdan so an rathad mòr gu Inbheirneis, agus a’ chuideachd eile gu làimh na h-airde n-iar-dheas thar uisge-Narainn, agus theich iad a dh-ionnsaidh nam beann mar thearmuinn. Bha na trupairean Sasunnach a nis air faotainn ann an òrdugh, agus thug iad ás an deigh nan Gàel, agus a thaobh [?] an cuid ach fhuair iad a dhol air thoisich air a’ [?] a ghabh rathad [?]isge-Naruinn, agus sheas iad le’n cuid each romp’ anns a’ bheul-àth’, bha na Gàeil a tighinn air an aghaidh cho colgail neo-sgàteach, le’n aogaisgean cho neo-athach, is gun d’ fhosgail na trùpairean bealach nan reang a chum an leigeadh seachad le sìth. Co-dhiù bha aon fhear dhe na trùpairean a dh’ fheuch ri fear dheth na Gàeil a ghlacadh. B’ oifigeach an trùpair so agns bu daor a phàigh e ghòraich. Thog an Gàel air ball a chlaidheamh, agus le aon bhuille ghearr e’n trùpair sios. Cha d’ fhoghainn sin leis a Ghàel chalma neo-mheata, thug e ’n t-uaireadair òìr a pòcaid an t-Sasunnaich agus thriall e an deigh chàich. Bha na trùapirean eile ’g amharc dànadas a Ghàeil so le iongantas, agus cha do ghabh duin ac’ orr’ a mhaile bu lugh’ a chuir air, le eagal gun dùisgeadh iad corraich nan Gàel eile nach robh fathast ach tacan uapa. Tha e air innse gu bheil Diùc agus ban-Diùc York a dol a thigh’nn air chuairt do Chanada air an ath bhliadhna. Is e Diùc York am mac a’s sinne tha beò aig Prionnsa Wales, agus mar sin ceud oighre chrùin os a dheigh. Faodar a bhith cinnteach, ma thig iad do Chanada gu’n cuirear failte agus furan orra. POSADH. Aig Eilean Christmas air an fhicheadamh latha de Nobhember, leis an Urr. Dr. A. Camaran, Seumas D. Mac-Neill, mac Dhomhuill Mhic-Neill, Lon nan Giadh, agus Caorstaidh Anna, nighean Ruairidh D. R. Mhic-Neill, air a Chul. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAL A STIGH AGUS FAIC. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 184] [Vol. 9. No. 23. p. 8] Marbhrann Do Iain Mac-Fhionghain ’s d’a bhràthair Murchadh, ’sa Mhèinn a Tuath. LE IAIN DOMHNULLACH. Fonn:—“Calum cliuiteach.” Ged chaill mi ùine gur còir dhomh dusgadh, O’n ghlac mi cùram an tus a sgeoil, Mu’n òigear chliùiteach tha sinn ag ionndrainn, Bu mhor an diùbhail nach robh thu beò. An liùthad fiùran a shuidheadh dlùth riut, Bhiodh pailteas rùm aca mu na bhòrd; ’S a chridhe fialaidh ’se fhéin a dhioladh, Cha bhiodh an t-siochaireachd ann ad choir. A dheagh Mhic-Fhionghain, nach deach air iomrall, Fhad ’sa shealbhaich thu bhi beò Cha chualas tuasaid a rinn thu ghluasad, Bha sid mar bhuaidh ort a fhuair thu òg. ’Se ghlachd thu cùram ’sa chuir thu ùidh ann Nach biodh luchd-diumbaidh agad ri d’ bheò; ’S o’n thng E null thu gur beag an cùram Nach seinn thu chlù mar a b’ uidh a ghlòir. A mhic a chriosdaidh sin, Eachunn ciatach, A chinn a riamh a bha flalaidh, còir; Co ni ùireachdan anns an dùthaich A h-uile cliù a bha dlùth dh’ ad fheóil? Na ’n robh na gasaidean pailt ’sad àite ’Nuair bha ar pàrantan ’nan daoin’ òg, Gu ’n deach a riaghladh le print ’s briathran Air barrachd fialachd ’s gach gniomh ro chòir. ’S e ’m bàs am buachaille, ’s cha ’n ’eil truas ann, ’Thug a chuairt oirbh uair ’sa dha; Am fleasgach àluinn a rinn ar fàgail, Cha d’ thug e dàil dha, ’s e làidir, òg; A dh’ fhalbh na shlàinte a mach o mhàthair, ’S o ’athair gràdhach a dh’ fhàg e fo bhròn; A thoirt dhachaidh marbh, ’se gun chothrom seanchais, A ghearr air falbh iad ’s bu shearbh a leòn. Cha ’n ioghnadh iad a bhi tùrsach, brònach, Mu Mhurchadh còir a dh’ fhàs mor gun mheang, Lan de reusan is de dheagh bheusan, O’n ghlachd e céill ’s ann ’gu feum gun chall; A loisg ’sa ghual iad, ’s thug snidh o’n gruaidhean, Bha sgeula cruaidh gun fhear-rhighlaidh ann; ’S e their na h-eòlaich, a thogadh còmhl’ ris,— ‘An sgeula brònach! ’s bu mhor an call.’ Ach Iain bhiùthasaich ’s mor luchd d’ ionndrainn ’S gach àit ’san dùthaich gun dùil ri d’ bheò; Cha ’n ’eil cùirt anns an gluaisear sùgradh, Nach deanar t’ ionndrainn le tùrs’ is bròn. ’S tu ghluaiseadh sunndach ’sa labhradh sugach, ’S cha tu a chùineadh an cùirt an òil; ’S ann bhiodh tu pàigheadh le flath ’s le gàire, ’S gu ’m b’e bhi mànran do rogha ceòl. Gu tric mi smaointean nuair bhios mi m’ aonar, Air na daoine so nach ’eil beò, A fhuair troimh ’n t-saoghal le biadh ’s le aodach, Gun bharrachd caoineig ach gaolach, còir. Tha ’n diugh nan sineadh gun dad a dhith orr’, Gu ’m bu cinnteach dhaibh sith is gloir; ’S gu ’m b’e ar n-ùrnuigh le deotha dhùrachd, Fhad ’sa leigeas e dhuinn bhi beò. ’S na bheil an làthair dhe ’n teaghlach bhàigheil A fhuair an sàrachadh leis a’ bhròn, A caoidh nam bràithrean nach ’eil an làthair, ’S nach till gu bràth far an d’ fhàs iad òg. Gus an gàbhadh a dheanamh slàn dhaibh, ’S iad fad o chàirdean, ged bha iad beò; A ruigeadh luath iad nuair bu duais e, ’S bu mhor a bhuaidh e ’s an cruadal mor. Na daoine calma, na daoiue meanmnach, ’S na daoine dh’ fhalbh is nach tig ’nar còir; An linn a dh’ fhàg iad gun dad a thàmailt Bidh sid na earlaid dhaibh ri am beò. Gur mor ri ràitinn na dh’ fhalbh dhe ’r càirdean Anns gach àite bha ’n àireamh mor; Ach lain ghradhaich, ’s tu ghluais mo nàdar, Cha d’ fhàg thu t’ àicheadh ’san àite beò. ’S na bheil ’san àite dhe na bràithrean, Air a làthair gu càirdeil, còir, Mar bha na pàrantan ’rinn an àrach, Anns gach àite ’san robh iad beò. ’S o na b’ àil leinn, an cliù ’san talanta Bhi ’ga àireamh mar bu chòir, Ach Dia bhi sàbhaladh na tha lathair dhiubh, Eadar phàisdean is mhnathan òg. AODAICHEAN DEANTA COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Clocaichean. A mhionaid a thig thu dh’ an stor againne chi thu gur ann againn a tha ’n stoc Chlocaichean a’s motha tha ’sa bhaile. Tha na ballachan gu ire bhig air am falach leotha. Clocaichean Dusgaidh o $1.00 suas. Clocaichean Cidsinn us Seomar-bidh (ochd-latha) o 3.50 suas. Clocaichean Seomar-suidhe o 5.50 suas. Clocaichean Talla agus Oifis (8 agus 30 latha) o 5.50 suas. Theid sinn an urras air gach cloc a reiceas sinn. BEZANSON, An Togalach Hanington. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 185] [Vol. 9. No. 24. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 14, 1900. No. 24. O Chionn Tri Fichead Bliadhna LE IAIN. CAIB. VI. MOR IS MAIRI A’ COMHRADH. AIR feasgar àraidh thachair bean Sheumais agus bean Dhomhuill Bhàin ri ’cheile, agus bha ’n comhradh a leanas eatorra:— “Droch crioch air an olc, a Mhor, cha ’n ’eil fhios agam fhein ciod a their mi mu na h-uile rud a th’ ann. Cha ’n urrainn duine a chùl no ’aghaidh earbsa ri sluagh an latha ’n diugh. Chual’ an garrlaoch gille ud aig Domhull Hearrach a h uile facal a bh’ eadrainn an latha roimhe. Cha ’n e mhain gu ’n innis e a h-uile facal a chual’ e, ach cuiridh e a’ choig uiread deug ris. Nan innseadh daoine an fhìrinn, cha bu leith ghearain. Chunnaic mi rud a b’ iongantaiche leam na ged a chuireadh e ann an crois sinn. Am peasan suarach, tha e mar a bha ’n treibh o’n d’ thainig e. Cha robh iad riamh ach an sàs ann an cuid-eiginn o’n a thainig iad do ’n dùthaich.” “Tha h-uile aon de ’n teaghlach a’ toirt barr-urram air a cheile anns an dòigh sin. Tha iad uile air an tearradh leis an aon pheallan. Cha teid fosadh air an teangaidh. Nach ’eil iad mar bu dual dhaibh. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, ‘Theid cuilean ri dualchas.’ Innsidh mise dhut an rud a ni sinn, ma chluinneas sinn gu ’n abair e facal mu dheidhinn a’ chomhraidh a bha eadrainn. O nach ’eil fianuis aige oirnn, their sinn gur e na breugan a tha e ’g innseadh; agus o nach toir daoine geill do ’n darna leith dhe na their e aig àm sam bith, cha mho na sin a bheir iad geill do na their e mu dheidhinn a’ chomhraidh a bha eadrainn an lath’ ud.” “Ma ta, ’Mhor, cha ’n ’eil cuimhne agam fhein air an darna leith dhe na thubhairt sinn an lath’ ud aig an amhainn.” “Cha ’n ’eil, no agamsa. Chaidh an deur beag a dh’ òl mi ’nam cheann. O nach ’eil mi ’ga ghabhail ach glé ainneamh, theid e ’nam cheann ’s a’ mhionaid; ach tha fhios agam gu ’n robh sinn a’ bruidhinn air a’ mhaor ’s air a theaghlach, agus air na dh’ innis bean Lachlainn duinn mu ’n aobhar air son an do chuireadh am maor as an àite ’san robh e mu ’n d’ thainig e an so.” “Nach ann domh a dh’ eirich e an uair a thug mi leam am botul beag ud a thug bean a’ mhaoir dhomh? Ged a bha mi gle thaingeil dhi air a shon an lath’ ud, b’ fhearr leam an diugh nach fhaca mi riamh e. Tha iomadh rud ann a bheir toileachadh do dhaoine aig aon àm, ged a dh’ fhaodas e mi-thoileachadh gu leòr a thoirt dhaibh ’na dheigh sin. Nan robh mi air òl gun fhios do neach sam bith, cha bhiodh guth no iomradh air an diugh. Ach ged a tha mi dona gu leòr, cha b’ fhiach leam teannadh ri òl ann an cùil leam fhein.” “Cha bu tu fhein bean a mharsanta bhig. Bidh deur beag aice a h-uile latha ’s a’ bhliadhna, ar neo bidh fhios c’ ar son. Bidh a ceann eadar dà chomhladh ’phreasa, ged a rachadh tu do ’n t-seòmar aice dusan uair ’san latha. Sid an te a tha gu math rithe fhein. Cha ’n ’eil biadh a ’s fhearr na chéile nach bi aice.” “Nach ’eil a’ bhlàth sin air a dà ghruaidh? Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, ‘Ge b’ e dh’ itheas an t-saill fo ’n t-sop, aithnichear air a ghoic fhein e.’ Tha amhrus agam nach ’eil i cho math a dh’ fhear a taighe ’s bu chòir dhi. Cha ’n ’eil ach gann greim air a chnamhan.” “Cha chreid mi gur e cion bidh a tha ’g a fhàgail cho caol, truagh ’s a tha e. Tha e cho imineach ’s cho dian thun an t-saoghail ’s nach laidh feoil air. Is gann a dh’ fhanas e ri ’bhiadh a ghabhail leis mar a tha gnothaichean an t-saoghail air a chur ’na bhoil. Shaoileadh tu fhein nach ruigeadh e leas a bhith cho dian thun an t-saoghail ’s a tha e. Nam biodh teaghlach trom aige mar a th’ aig iomadh fear eile, ghabhainn a leithsgeul.” “Nach tu tha amaideach? Nach fhad o chualas, gu ’m bheil sannt nan seachd sagart ann am fear gun mhac gun nighinn? Ach feumar an fhìrinn a radh, tha e mòran na ’s coire na ’bhean. B’ fhearr leamsa gu mòr rud a cheannach uaithesan na uaipese. Tha ise cho eagnaidh an àm a bhith ’tomhas ri aon a chunnaic mise riamh. Cha mhòr nach cunntadh i na spiligeanan tì.” “Cha ruigeadh i leas a bhith cho mion sin idir. Is iomadh sgillinn a tha muinntir na dùthchadh a’ toirt dhaibh eadar dà cheann na bliadhna. Mur ’eil mise air mo mhealladh, bidh caochladh cur air clò Challum an ùine gun bhith fada. Fhuair mise am mach o urra glé chinnteach gu ’m bheil bùth mhòr gu bhith air a fosgladh anns a’ Bhail-iochdrach mu ’n tig deireadh na bliadhna.” “Ma thachras sin, cha bhi am marsanta beag toilichte; ach cha mhisde daoine bochd na dùthchadh idir e. Tha iomadh fear dhe na marsantan a’ gabhail brath air na daoine, agus faodaidh iad sin. Ach cò tha dol a dh’ fhosgladh na bùthadh?” “Tha Tearlach ruadh; ach tha amhrus agamsa nach dean e fortan air marsantachd an dà latha so.” “An t-amadan mor, cia mar a theid aigesan air buth fhosgladh? Cha ’n ann gun suim mhath airgid a theid aig fear sam bith air bùth fhosgladh a’s fhiach an t-saothair.” “Tha thu air chùl do sgeòil. Tha Tearlach ruadh agus nighean bhàn a’ mhaoir gu pòsadh gun dàil. Tha toil aca Tearlach ruadh a bhi ’na mharsanta mu ’m pòs e. Tha na daoine cho mòr asda fhein ’s nach bu mhath leotha gu ’m biodh aig muinntir na dùthchadh ri radh, gu ’n do phòs a’ cheud te dhe na nigheanan sgaomaire de dhuine òg gun fhearann, gun fhonn, gun òr, gun airgiod, gun ni fo ’n ghrein ach a cheithir spadagan. Ach ma dh’ fhosglar a’ bhùth, faodar a bhi cinnteach nach ann le airgiod Thearlaich.” “Innsidh mise dhut mar a bhitheas; theid am maor an urras air Tearlach, ar neo bheir e dha airgiod.” “Tha e coltach gu ’m bheil deannan math airgid aig a’ mhaor; ach tha e air a chur as a leith nach b’ ann leis an onair a rinn e a chuid airgid. Ach cha ’n ’eil fhios againne.” “Tha fhios againn nach ’eil sgillinn ris an t-saoghal aig Tearlach ruadh. Cha b’ e am fear a bheireadh an aire do ’n airgiod ged a bhiodh e aige.” “Gu dearbh cha b’ e. An cuala tu mar a fhreagair Ruairidh a’ Bhàigh e an latha ’dh’ iarr e air a dhol a steach a dh’ òl còmhladh ris do ’n Taigh-sheinnse?” “Cha chuala mi guth air.” “Dh’ iarr Tearlach air Ruairidh a dhol a steach comhladh ris a ghabhail drama, agus thuirt Ruairidh ris, nach robh feum sam bith aig fear seach fear aca air drama, agus gu ’m b’ fhearr dha a thasdan a chumail ’na phòcaid. Ghabh Tearlach saonas anabarrach a chionn nach rachadh Ruairidh a steach comhladh ris, agus chàin e Ruairidh thun a bhrògan. ‘Cha robh thu latha riamh,’ arsa Tearlach, ‘cho suarach mu thasdan a chosg ’s a bha mise. Cha ’n ’eil annad ach an spìocaire cho truagh ’s a th’ anns an dùthaich.’ Fhreagair Ruairidh, agus thuirt e, ‘Ma tha thusa, ’Thearlaich, suarach mu na tasdain, tha na tasdain suarach umad.’ Agus b’ fhior do Ruairidh sid. Faodaidh am maor bùth a chur suas do Thearlach, ma thogras e; ach theid mi am bannadh dhut nach fhada gus am bi a chasan as a chionn. Ged nach biodh ann gu cur as dha ach a mhàthair, dh’ fhoghnadh i na h-onar.” “Nach iongantach leamsa gu ’n tugadh am maor a nighean do Thearlach. Nam bithinn-sa ’na àite, b’ fhearr leam mo chuid nighean a bhith gun phòsadh gu bràth na té seach té dhiubh a thoirt do Thearlach, no dh’ a leithid. Cha b’ ionnan a b’ fhearr do thé sam bith fuireach ’na seana mhaighdinn, agus dichioll a dheanamh air i fhein a thoirt troimh ’n t-saoghal le fìrinn ’s le onair, na duine aotrom, neo-steidheil a phòsadh.” “Cha ’n e cho neo-steidheil ’s a tha Tearlach an cron a’s mò a th’ agam fhein idir air, ach cho leasg ’s a tha e. Mhill a mhàthair e. An uair a bha e ’na chnapach balaich, cha leigeadh i leis car a dheanamh, air eagal gu ’m faigheadh e sgios no sàruchadh sam bith; agus an uair a dh’ fhàs e mòr, cha deanadh e car air a comhairle ach an car a thogradh e fhein.” “Is gann a chreideas mi gu ’n gabh nighean a’ mhaoir e.” “Nach tu tha gòrach? Gabhaidh: is i a ghabhas. Ged a tha e ’na shliomair mòr gun fheum, tha e ’na dhuine òg cho dreachar ’s a th’ anns an dùthaich. Mar is trice, tha nigheanan coma ma gheibh iad fear mòr, briagha ri ’phòsadh. Cha b’ ionnan a b’ fhearr dhi Domhull beag mac Sheumais. Is e gille òg cho glic, cho deanadach, agus cho steidheil ’s a th’ anns an dùthaich. Is fìor thoigh leis a bhith air cheilidh ann an taigh a’ mhaoir. Tha mi cinnteach gur e bu doigheile a chumadh bean na Tearlach ruadh.” “Cha ’n ’eil teagamh nach e; ach cha ’n ann air [TD 186] [Vol. 9. No. 24. p. 2] a leithid sin a tha nigheanan òga, gòrach a’ smaointean idir. Tha Domhull beag cho aoidheil ’s cho modhail ri fear sam bith, ach tha e car sàmhach, socrach ’na dhòighean. Is e tha dhith air cuid dhe na nigheanan, fleasgaich òga a bhios cuireadach, comhraideach, a ni gàireachdaieh is cridhealas gu leòr comhladh riutha, agus a bheir dhaibh bràisteachan is fainneachan, agus iomadh rud eile.” “Theid mi an urras nach ’eil Domhull beag cho gòrach, no cho faoin ’s gu ’n dean e a leithid sin gus an tig an t-am freagarrach.” “Coma leatsa; taghaidh Domhull beag té ghlic, chrionna, aig am bi meas air, agus a chumas a thaigh ann an deagh òrdugh, agus a bheir an aire mhath air a gnothach fhein mar is còir dhi.” “Tha meas mòr aig bean a’ mhaoir air Domhull beag. Is math a tha i ’tuigsinn gur e taghadh an tuathanaich a bhios ann. Ma dh’ fhaodas i, gheibh i greim air. Cha teid fois oirre ach a’ moladh nan nigheanan a h-uile uair a bhios e air chéilidh aca.” “Cha dubhairt mise nach mò a ni i de chron na ni i de mhath le cuid molaidh. Bu choma leam riamh dhe na pàrantan a bhiodh a’ moladh na cloinne ’nan làthair fhein. Cha ’n ’eil fhios agam an do ghabh thusa beachd air, ach a’ chlann a bhios na pàrantan a’ moladh an clàr an aodain, fàsaidh iad mòr asda fhein, agus, gu math tric, bheir iad aobhar bròin do na pàrantan. Gabhaidh clann milleadh le tuilleadh ’s a’ chòir de mholadh, mar a ghabhas iad milleadh le tuilleadh ’s a’ chòir de smachdachadh.” (Ri leantuinn.) Litir bho “C. C.” FHIR-DEASACHAIDH RUNAICH:—Tha nise àireamh sheachdainean o’n dh’ fhàg mi Ceap Breatunn, far na chuir mi mios de dh’ ùine seachad gle thaitneach. Bha mi ’n duil fios a chur gu m’ luchd eolais an deigh dhomh tighinn dhachaidh; ach ’s iomadh ni a dh’ fhaodas bachdail a chur oirnn ann a bhi toirt ar ruintean gu buil. Cha mhor gu ’n cuala mi facal á Ceap Breatunn o’n thainig mi dhachaidh, ach a mhain na tha mi faicinn anns a MHAC-TALLA. Cha ’n eil fhios nach e mo choire fhein a th’ ann. Ach na ’m biodh fios aig na cairdean air gach ni a tha air uairibh a tilgeadh gach suidheachadh a tha sinn a deanamh bun os cionn, cha bhiodh iad cho trom oirnn air son cho beag ’sa tha sinn a sgriobhadh. Dh’ fhàg mi Sidni air Di-luain an naoidheamh la fichead de October. Thug mo charaide coir, Ailean Mac Leoid, na charbad mi gu cala an rathaid-iaruinn, gu moch air a mhaduinn ud. An oidhche sin fhein chaidh sinn air bord na smuid-shoitheach Halifax, aig Caolas Chanso, agus trath an ath mhaduinn chaidh sinn air tir am Baile Charlotte. Bha sinn naoidh uairean air an uisge. Bha ’n fhairge cho min ri gloine air an turus ud; ach cha b’ ann mar sin a bha chuis air an t-seachdain roimhe sud. Air an turus sin sheid a ghaoth agus dh’ eirich a mhuir, le cair gheal air cirein gach tuinn. Bha ’n luchd-turuis a dol á cochull an cridhe leis an eagal. ’Nuair thainig an stoirm gu h-airde bha iomadh neach air bòrd a bha ’g radh gu ’n robh daor an ceannach aca air an turus. Bha ’n long air a tulgadh cho mor ’s gun ghluais an luchd as àite, air chor ’s gun deach i car air a leth taobh. Sheol i stigh do ’n acarsaid ’s am fiaradh neonach sin innte, mar gu faiceadh tu boineid chocte air leth-cheann saighdeir. Thachair gu ’n robh bean choir, thomadach a mhuinntir an àite air bòrd; agus gu de thoisich na h-eolaich ’s na càirdean aice ri chumail a mach rithe, ach gur ise bhi air bord a chuir an car fiaraidh ud anns an luing. Cha ’n ’eil fhios agam an e no nach e an Gaidheal àbhachdach sin, Alasdair Bànach, a thuirt so; ach an uair a chuala mi e thuirt mi gu’n robh e coltach ri rud a theireadh e, oir tha fios gu bheil e làn do fhearas-chuideachd agus do fhala-dhà neo-lochdach. Tha nise an geamhradh air tighinn oirnn, agus cha bhi e cho soirbh a dholl a null ’s a nall thar an aisig ’s a bha e re an t-samhraidh; ach ma bhios mi beo, slan, cha bhi mo thogradh dol do Cheap Breatunn air an ath bhliadhna dad air ais air mar a bha e anns an àm a dh’ fhalbh. Faodaidh mise radh mu ’n eilein sin mar a thuirt am bàrd Albannach mu dhùthaich fhein:— “Fhad ’s a bhios anail ann am chom Bidh tir nam beann a tighinn air m’ aire.” Is domhain an daimh diomhair a ta ’n cridhe gach duine, aig a bheil inntinn cheart, do thir a bhreth is araich. Co a thuigeas e ach an neach a ta air falbh o a dhùthaich, agus aig nach ’eil comas dol air ais. Bha mi comhradh ri aon o chionn ghoirid, a bha meas gu ’n robh i air leabaidh a bàis, agus chuir i mulad orm le bhi ’g aideachadh gu saor gu ’m b’e miann a bhi na laidhe ann an tir a gràidh, far an d’ fhuair i h-àrach og. Their thu nach robh ann an sud ach amaideachd; ach cumamaid air chuimhne gu ’n robh Iacob de ’n inntinn cheudna. “Adhlaicibh mi,” ars’ esan, “maille ri m’ aithrichibh ’san uaimh a ta ann an achadh Ephroin an Hitich.” Chuir aon de ar bàird fhein an smuain so ann am briathran snasmhor, mar a leanas:— “Nuair thig am bàs mar ’s dù, Is a dhallas e mo shùil, B’e mo mhiann mo chur ’san ùir ’San àit’ adhlaic a tha dlùth Air taigh beag mo mhàthar.” Chuir Niall Mac Leoid sios mar so an ni ceudna:— “Mo shoraidh leis gach cuairteig, Leis gach bruachaig agus còs, Mu ’n tric an robh mi cluaineis, ’N àm bhi buachailleachd nam bo; ’Nuair a thig mo reis gu ceann, Agus feasgar fann mo lo, B’e mo mhiann a bhi ’san àm sin Anns a’ ghleann ’san robh mi òg.” Slan leat. Thoir fios do m’ chàirdean, do luchd-leughaidh, thall ’s a bhos, gu bheil mi beo, agus gur taitneach leam a bhi faicinn an ainmean ’s a MHAC-TALLA a measg na muinntir a phàigh. Ge b’e earrann de ’n phàipear a bhios gun leughadh cha bhi ’n earrann ud a tha toirt dhuinn ainm is ionad comhnuidh nan Gaidheil ’s nam ban-Ghaidheil a tha cur luach air cainnt mhilis tir nam beann; a chainnt anns an tric a dh’ éisd sinn ris a chronan a’s tric a chur ’nar suain sinn air broilleach ar mathraichean; agus anns na dh’ éisd sinn o’n uair sin ri fonn milis na salm, air an seinn anns an seann doigh Ghaidhealach, a tha toirt barr air gach doigh seinn eile dhaibhsan a bha air an cleachdadh ris o’n oige. C. C. Cha ’n ’eil làn chumachd aig an droch spiorad thairis air daoine idir. Ged a tha cead aige droch comhairlean a thoirt oirnn, cha ’n fhaod e ar co-éigneachadh gu olc a dheanamh. Tha dà sheorsa pheacaidhean ann—peacaidhean deanadais agus peacaidhean dearmaid. Is iad na peacaidhean dearmaid mòran a’s sgriosaile na na peacaidhean deanadais. Ach is ann glé ainneamh a thachras daoine ruinn a tha ’g a làn-chreidsinn so. Sgeulachdan Arabianach. BEDER, PRIONNSA PHERSIA. CAIB. XIV. MU ’N do fhreagair Abdallah a’ bhanrigh, thilg e e-fhein air an talamh air a beulaobh, agus an uair a dh’ eirich e ’na sheasamh thuirt e, “A bhain-tighearna, is e mac brathar dhomh a th’ann. Tha mo bhrathair marbh o chionn aireamh bhliadhnachan. Agus o nach robh duine teaghlaich agam, chuir mi fios air mac mo bhrathar gus e thighinn a dh’ fhuireach comhladh rium. Tha e dhomh mar mo mhac fhin; agus an uair a gheibh mi bas fagaidh mi aige mo chuid dhe ’n t-saoghal.” Cha’n fhaca banrigh Labi duine riamh cho briagha ri Beder, agus thuit i ann an trom ghaol. Chuir i roimpe, air an aobhar sin, gu ’m feuchadh i ri greim fhaotainn air. “Athair,” ars’ ise ri Abdallah, “bhithinn anabarrach fada ’na d’ chomain na ’n tugadh tu dhomh fhin e. Tha mi a’ guidhe gu durachdach ort nach diult thu a thoirt dhomh. Agus bheir mi dhut mo mhionnan air an teine ’s air an t-solus, gu ’n dean mi cho mor ’s cho cumhachdach e ’s nach robh a leithid de dhuine riamh air an t-saoghal. Ged a bhiodh a run orm olc a dheanamh air a’ chinne-daoin’ gu leir, cha dean mi cron sam bith airsan. Tha mi ’n dochas gu ’n toir thu dhomh na tha mi ag iarraidh, cha ’n ann a mhain a chionn gu ’m bheil meas mor agam ort, ach gu sonraichte a chionn gu ’m bheil fhios agam gu ’m bheil meas mor agad orm.” “A bhaintighearna,” ars’ Abdallah, “tha mi anabarrach fad’ ann an comain bhur morachd air son cho fior chaoimhneil ’s a tha sibh rium, agus air son an t-urram a tha sibh toileach a chur air mac mo bhrathar. Cha ’n ’eil e airidh air tighinn dluth do bhanrigh mhoir mar a tha sibhse, agus tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n gabh sibh a leithsgeul.” “Abdallah,” ars’ a’ bhanrigh, “bha mi ’n comhnuidh a’ toirt orm fhin a chreidsinn gu ’n robh meas mor agad orm; agus cha robh e an comas dhomh a smaointean gu ’n tugadh tu a leithid de chomharradh follaiseach dhomh air cho suarach ’s a bha thu mu m’ dheidhinn. Ach tha mi rithist a’ toirt mo mhionnan air an teine agus air an t-solus, agus air gach ni a tha naomh ’nam aidmheil, nach teid mi as a so gus am faigh mi na tha mi ’g iarraidh. Tha mi ’tuigsinn gle mhath c’ar son a tha eagal ort m’ iarrtus a thoirt dhomh; ach tha mi ’gealltainn dhut nach bi aobhar aithreachais agad gu brath air son deanamh mar a tha mi ’g iarraidh ort.” Bha Abdallah fo dhoilghios mor araon air a shon fhein, agus air son Bheder, a chionn gu ’m b’ eiginn da umhlachd a thoirt do ’n bhanrigh. “A bhain-tighearna,” ars’ esan, “cha bu toil leam idir gu ’n saoileadh bhur morachd gu ’m bheil mi an comhnuidh toileach gach ni a tha ’nam chomas a dheanamh a chum bhur toileachadh. Tha mi ’cur lan earbsa ann bhur facal, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach cum sibh ris na thubhairt sibh. A mhain tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n dean sibh dail gun an t-urram mhor so a chur air mac mo bhrathar gus an tig sibh an rathad so a rithist.” “Thig mi am maireach,” ars’ a’ bhanrigh. Sheall i le aoidh air, agus dh’ fhalbh i do ’n luchairt. An uair a chaidh banrigh Labi agus a’ chuideachd a bha maille rithe as an t-sealladh, thuirt Abdallah ri Beder, “A mhic (oir b’ ann mar so bu ghnath leis a baith ’bruidhinn ris, air eagal gu’m faigheadh daoine am mach co e,) cha robh e ’nam chomas, mar a dh’ fhaodadh tu fhaicinn, an ni a dh’ iarr a’ [TD 187] [Vol. 9. No. 24. p. 3] bhanrigh orm cho fior dhurachdach a dhiultadh dhi. Bha eagal orm gu ’n gnathaicheadh i draoidheachd gu diomhair no gu follaiseach araon ’nam aghaidh fhin, agus ’nad aghaidh fhein, agus mar sin gu ’n deanadh i dioghaltas oirnn le cheile, agus gu ’m fàgadh i sinn na bu mhiosa na na daoine a dh’ ainmich mi dhut. Ach tha aobhar agam a bhith ’creidsinn gu ’m bi i gle mhath dhut, mar a gheall i, o ’n a tha i ag aideachadh gu ’m bheil meas mor aice orm. Faodaidh tu so a thuigsinn leis an urram a nochd i fhein agus maithean na cuirte dhomh. Bhiodh i ’na creutair mollaichte gun teagamh na’m mealladh i mi. Ach ma mheallas ise mi, cha ’n ann gun chron mor dhi fhein; oir is aithne dhomh cia mar a bhios mi cho fada ’mach rithe.” Cha robh earbsa mhor sam bith aig Beder gu ’m biodh a’ bhanrigh cho math dha ’s a bha Abdallah ag radh, agus air air an aobhar sin, bha e gle throm-inntinneach. “An deigh na dh’ innis thu dhomh mu dheidhinn aingidheachd na banrigh so,” ars’ esan, “cha ruig thu leas ioghnadh a bhith ort ged a tha eagal orm roimpe. Is docha gu ’m faotainn na dh’ innis thu dhomh m’ a deidhinn a chur ann an suarachas, agus a bhith air mo dhalladh leis a’ ghreadhnachas a tha mu ’n cuairt dhi, mur b’ e gu ’n d’ fhairich mi air mo chosg fhin ciod a th’ ann a bhith fo chumhachd ban-draoidh. Tha’n staid anns an robh mi tro dhraoidheachd na banaphrionnsa Guhara, agus o ’n robh mi air mo shaoradh, gus a bhith air mo ghrad chur fo gheasan, ’g am chur fo uamhas mor.” Ghrad thoisich e ri sileadh nan deur cho frasach ’s nach b’ urrainn e an corr a radh. Bha e soilleir gu ’n robh gairisinn air an uair a smaoinicheadh e air an droch shuidheachadh anns am faodadh banrigh Labi a chur. “A mhic,” ars Abdallah, “na bi ’g ad chur fhein fo dhoilghios; oir ged a dh’fheumas mis’ aideachadh nach ’eil moran earbsa ri chur ann an geallaidhean agus ann am mionnan banrigh a tha cho mealltach rithe, gidheadh feumaidh mi innseadh dhut nach ’eil cumhachd sam bith aice thairis ormsa. Tha fhios aice air a sin gle mhath. Agus is e sin a mhain is aobhar gu ’m bheil i ’toirt urram cho mor dhomh. Ged a bhiodh toil aice cron a dheanamh ort, theid agamsa air bacadh a chur oirre anns a’ mhionaid. Faodaidh tu do lan earbsa chur annamsa. Agus ma leanas tu gu dluth ris a’ chomhairle a bheir mis’ ort mu ’n dealaich mi riut, cha bhi na ’s mo de chumhachd aice thairis ort na th’ aice thairis ormsa.” Thainig a’ bhanrigh air an ath latha mar a thubhairt i, le mor ghreadhnachas mar a b’ abhaist dhi, agus bha Abdallah ’g a feitheamh le mor urram. “Athair,” ars’ ise ’s i stad mu choinneamh an dorus, “faodaidh tu aithneachadh gu ’m bheil fadachd orm gus am faigh mi coir air mac do bhrathar, an uair a thainig mi aig an am a gheall mi gus do ghealladh a chur ’nad chuimhne. Tha fhios agam gur duine thu a chumas ri d’ fhacal, agus cha ’n urrainn mi chreidsinn gu ’m brist thu air.” Leig Abdallah e fhein ’na shineadh air a bheul fodha an uair a chunnaic e ’bhanrigh a’ tighinn, agus an uair a labhair i ris, dh’ eirich e ’na sheasamh. Agus o nach robh toil aige gu ’n cluinneadh neach sam bith ciod a bha e gus a radh ris a’ bhanrigh, choisich e gu ceann an eich, agus thuirt e gu beag rithe. “A bhanrigh chumhachdach, tha fhios is cinnt agam nach bi gruaim oirbh rium a chionn mi bhith cho aindeonach an de mac mo bhrathar earbsa ribh, o ’n a tha fhios agaibh air an aobhar a th’ agam air a shon. Ach tha mi ’g ar cur fo bhoidean gu ’n cuir sibh air chul an ealain dhiomhair sin air am bheil eolas cho mor agaibh. Tha meas agam air mac mo bhrathar mar gu ’m b’ e mo mhac fhine; agus chuireadh e am bas orm na ’n deanadh sibh ris mar a bha sibh a’ deanamh ri feadhainn eile.” “Tha mi ’gealltainn dhut nach dean,” ars’ a’ bhanrigh. “Tha mi air tighinn a dh’ urachadh mo mhionnan a thug mi an de, nach bi aobhar agad fhein no aig mac do bhrathar air a bhith diumbach dhiom. Tha mi gu soilleir a’ faicinn nach ’eil thu eolach gu leor orm fhathast. Cha ’n fhaca tu m’ aodann riamh, ach troimh an t-srol. Ach o’n a tha mi meas gur airidh mac do bhrathar air gu’n nochdainn cairdeas dha, leigidh mi ris dhut nach ’eil mi neo-airidh air.” An uair a thuirt i so thug i dhith an srol, agus leig i fhaicinn do Bheder agus do dh’ Abdallah gu ’n robh i na boirionnach anabarrach briagha. Ach cha do tharruinn a maise cridhe Bheder g’a h-ionnsuidh idir. “Cha ’n fhoghainn a bhith maiseach idir,” ars’ esan ris fhein; “bu choir gu ’m biodh co-chordadh eadar maise agus gniomharan gach neach.” Am feadh ’s a bha Beder a’ smaoineachadh mar so, agus e ’g amharc gu dluth air banrigh Labi, thionndaidh an seann duine ris, agus an uair a rug e air ghairdean air, thug e an lathair na banrigh e. “So agaibh e, a bhaintighearna,” ars’ esan, “agus tha mi ’guidhe oirbh aon uair eile gu ’n cum sibh ’n ’ur cuimhne gur e mac mo bhrathar, agus gu ’n leig sibh leis uair is uair tighinn g’ am amharc.” Gheall a’ bhanrigh so dha. Agus mar an tuilleadh comharraidh air a taingealachd dh’ ordaich i mile bonn oir a thoirt dha. Cha robh e an toiseach deonach a ghabhail, ach thug i air le coiteach a ghabhail. Thug i fa near each air an robh acfhuinn cho briagha ris an acfhuinn a bh’ air an each a bh’ aice fhein a bhith deiseil air son Bhedeir. An uair a bha e ’dol air muin an eich, thuirt a’ bhanrigh ri Abdallah, “Cha do chuimhnich mi fhaighneachd dhiot c’ ainm a th’ air mac do bhrathar. Innis dhomh e, guidheam ort.” Fhreagair Abdallah, agus thuirt e, “Is e Beder (a’ ghealach lan) is ainm dha.” Thuirt a’ bhanrigh, “Is cinnteach gu ’n d’ rinn na daoine a thug an t-ainm air mearachd mhor, bu choir dhaibh a bhith air Shems (a’ ghrian,) a thoirt mar ainm air.” An uair a chaidh Beder air muin an eich, bha e toileach marcachd an deigh na banrigh, ach cha leigeadh i leis. Thug i air marcachd air a laimh chli. Sheall i air Abdallah, agus an uair a chrom i a ceann ris, dh’ fhalbh i. Thug Beder an aire gu ’n robh sluagh a’ bhaile, an aite bhith aoibhneach an uair a bha iad a’ faicinn na banrigh a’ marcachd seachad, ag amharc oirre le taire, agus eadhon a’ toirt am mollachd oirre. “A bhan-draoidh,” arsa cuid dhiubh, “fhuair i fear ur gus a droch innleachdan a chur an gniomh air. An toir an Chruithfhear idir an creutair aingidh bhar aghaidh na talmhainn?” “A choigreach bhochd!” arsa feadhainn eile, “tha thu air do mhealladh gu mor ma tha thu ’smaointean gu ’m mair do shonas fada. Is ann gus do thruaighe air a’ cheann mu dheireadh a dheanamh moran na’s eagallaiche a tha thu nis cho mor air d’ ardachadh.” Thuig Beder o na briathran so gu ’n robh na dh’ innis Abdallah dha mu dheidhinn na banrigh fior gu leor. Ach o nach b’ urrainn e e-fhein a dhion uaipe na b’ fhaide, chuir e e-fhein air churam freasdail agus toil Dhe. Ruigidh am buaireadair oirnn ge b’ e air bith àite anns am bi sinn. Ruigidh e sinn eadhain an uair a bhios sinn ’nar suidhe anns an taigh-aoraidh. Seanntraigh. Bha bean fir coimhead ann an eilean Sheanntraigh, agus bha coir’ aice. Thigeadh bean shìth a h-uile latha a dh’ iarraidh a’ choire. Cha chanadh i smid ’nuair a thigeadh i, ach bheireadh i air a’ choire. ’Nuair a bheireadh i air a’ choire theireadh bean an tighe, ’S treasaiche gobha gual Go iarrunn fuar a bhruich; Dleasnas coire cnaimh ’Sa thoirt slan go tigh. Thigeadh a’ bhean shìth air a h-ais ’h-uile latha leis a’ choire, agus feoil as cnàmhan ann, Latha bha ’n sin bha bean an tighe airson dol thar an aiseig do Bhail’ a Chaisteil, agus thuirt i r’a fear, “Ma their thusa ris a’ bhean shìth mar a their mise, falbhaidh mi ’Bhaile Chaisteil.” “U! their,” ars’ esan, “’s cinnteach gur mi ’their.” Bha e sniamh siamain fraoich gos a chur air an tigh. Chunnaic e bean a’ tighinn ’s faileas as a casan, ’s ghabh e eagal roimhpe. Dhruid e’n dorusd as stad e d’a obair. Nur a thàinig ise do ’n dorusd cha d’ fhuair i n dorusd fosgailte, ’s cha d’ fhosgail esan di e. Chaidh i as cionn toll a bha ’s an tigh. Thug an coire da leum as, agus air an treas leum dh’ fhalbh e mach air drìom an tighe. Thàinig an oidhche, ’s cha d’ thàinig an coire. Thill a’ bhean thar an aiseig, ’s cha ’n fhac i dad de’n choire stigh, agus dh’ fhoighnichd i ca’n robh ’n coire. “Mata ’s coma leam ca’ bheil e,” ars’ a fear, “cha do ghabh mi riabh a leithid de dh’ eagal ’s a ghabh mi roimhe. Ghabh mi eagal, ’s dhùin mi ’n dorusd, ’s cha d’ thàinig i tuillidh leis. “A dhonain dhona, dé rinn thu? ’s dithisd a bhios gu don’ thu fhìn agus mise.” “Thig i ’m màireach leis.” “Cha d’ thig.” Sgioblaich i i fhìn, ’s dh’ fhalbh i ’s ràinig i ’n cnoc, ’s cha robh duine stigh. Bha e ’n déigh na dinnearach, ’s bha eud a mach am bial na h-oidhche. Ghabh i stigh. Chunnaic i ’n coire ’s thog i leath’ e. Bha-e trom aice, ’san còrr a dh’ fhag eud ann. Nur a chunnaic am bodach a bha stigh i dol amach, thuirt e, A bhean bhalbh, a bhean bhalbh, A thàinig oirnn a tir nan sealg; Fhir a tha ’n uachdar a’ bhruth, Fuasgail an Dugh ’s lig an Garg. Ligeadh an da chù ma sgaoil, ’s cha b’ fhada bha is’ air falbh nur a chual i strathail nan con a’ tighinn. Ghléidh i ’n còrr a bha ’s a’ choire air alt ’s na ’m faigheadh i leath’ e gum bu mhath, ’s na ’n d’ thigeadh na coin gun tilgeadh i orr’ e. Dh’ fhairich i na coin a’ tighinn, ’s chuir i làmh sa’ choire, ’s thug i ’m bòrd as, ’s thilg i orra ceathra de na bh’ ann. Thug eud an aire treis air an siud. Dh’ fhairich i ris eud, ’s thilg i pìos’ eil’ orra nur a chas eud urra. Dh’ fhalbh i coiseachd cho math ’s a dh’ fhaodadh i. Nur thàinig i dlùth air a’ bhaile thilg i ’bhial fodha, ’s dh’ fhàg i ’n siud aca na bh’ ann. Bhuail coin a’ bhail’ air comhartaich nur a chunnaic eud na coin shith ’stad. Cha d’ thainig a’ bhean shìth riabh tuillidh a dh’ iarraidh a’ choire. Cha ’n ann ri am faicinn is còir daoine a ghabhail idir. Is iomadh duine air am bheil coltas na diadhachd an uair a chi thu e ’na shuidhe gu stolda ann an eaglais, a tha tur falamh de spiorad na diadhachd. Tha ’n cealgair glé dheas aig gach àm gu bhith labhairt mu nithean spioradail. Tha ’chuid diadhachd gu léir air barr a theangan; ach cha ’n ’eil srad dhi ’na chridhe. Ged a tha cleòca na diadhachd uime, tha ’m pailteas de luideagan salach na fein-fhìreantachd fo ’n chleòcha. Ged nach fhaic thusa no mise na luideagan so, chi Dia iad. [TD 188] [Vol. 9. No. 24. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, DESEMBER 14, 1900. Paipeirean-naigheachd. CREIDIDH mi nach urrainn an neach is farsuinge inntinn am feum a rinn paipeirean-naigheachd do ’n t-saoghal a mheas mar bu choir. Cha tig sinn as an eugmhais gu brath tuilleadh; agus tha e iongantach leinn ciamar a thainig daoine beo as an eugmhais cho fada. Ach cha ’n ’eil eadhon na paipeirean-naigheachd saor o mhearachd. Gheibhear anntasan mar anns an t-seillein “an taice cheile ’mhil ’s an gath.” Gheibhear annta a’ mhil ann an tomhas moran na ’s pailte na ’m puinnsean. Ach cha ’n ’eil mi ro chinnteach nach ann an lughad a tha mhil a’ dol agus nach ann am meud a tha ’m puinnseann a’ dol. A dh’aon ni tha mi meas gu’m faighear anns a’ phaipeir-naigheachd ’n ar latha-ne na’s lugha de naigheachdan agus na ’s mo de bharailean na bhiodh freagarrach. Tha am paipeir-naigheachd a nis a’ gabhail os laimh teagasg cho maith ri foghlum a thoirt seachad. Tha e stri ri d’thoil a lubadh cho maith ri d’cheann a lionadh. Cha ’n fhoghainn leis an Deasaiche naigheachdan a thoirt dhuit, ach a bharail fein air na naigheachdan. Tha so buil ùr, ann an tomhas mòr, gus a’ bheil am paipeir-naigheachd air a chur. ’S e am paipeir-naigheachd mor so is fear-teagaisg do’n mhor chuid dheth ’n t-sluagh. Tha moran de na daoine is foghluimte agus is gleusta anns an rioghachd a nis a’ sgriobhadh anns na paipeirean-naigheachd; ach, ged tha, cha ’n ’eil na paipeirean ro fhreagarrach airson teagaisg. Tha na naigheachdan a dhìth oirnn fhaotainn cho luath agus a chluinnear iad; ach cha bhi a’ bharail a theid a thoirt seachad clis an comhnuidh fallain. A rìs tha gach paipeir-naigheachd a tha againn a’ seasamh air taobh buidheann no beachd no aidmheil shonruichte, agus cha ’n fhaigh teagasg nach ’eil ann an co-chordadh ri beachd no aidmheil a’ phaipeir moran aite ann. Tha moran d’ar sluagh nach urrainn ach aon phaipeir-naigheachd a cheannach no fhaicinn. ’S e so a cheart chuid de ’n t-sluagh is mo a tha ann am feum air teagasg fallain; ach ann an aon phaipeir-naigheachd cha ’n fhaic iad ach aon taobh de na ceistean cudthromach a tha glusad inntinnean dhaoine ’n ar latha-ne, agus mar so cha ’n ’eil e cho comasach dhoibh barail chothromach a bhi aca mu thimchioll nan cuisean sin. Ach cha ’n ann a mhain ann a bhi toirt seachad teagaisg aon-taobhach no mi-fhallain a tha mi saoilsinn a tha ar paipeirean-naigheachd a’ dol clì. Gheibhear annta gu minic naigheachdan nach bu choir a bhi annta. Tha, ’n ar latha-ne co-dhiu, sonas agus comh-fhurtachd gach duine ann an tomhas mòr an crochadh ri gluasad ’us giulan dhaoine eile. Cha ’n ’eil duine a tha ’g iarraidh no gabhail as laimh a bhi seasamh an aite buidheann de ’n t-sluagh a chum an coir a dhion no am beachdan a chur an ceill nach feum cunntas a thoirt air a stiubhardachd. Cha ’n ’eil neach a ghabhas os laimh dol a theagasg a cho-chreutairean le theangaidh no le pheann nach feum fulang d’ a cho-chreutairean a bhi toirt breith air a theagasg. Cha ’n ’eil neach ann an cumhachd no ann an ughdarras ’n ar measg nach ’eil cunntasach do ’n t-sluagh, a reir creidimh ar latha-ne, airson a’ bhuil gus a’ bheil e ’cur a’ chumhachd no ’n ughdarrais a bhuineas dh’a.—D. M’K. THA an doigh bhrùideil, an-iochdmhor a th’ aig Ruisia—aon do rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa—air na Sineich thruagha a chiosnachadh da-rireadh maslach, ma tha na fiosan a tha tighinn á Sina fior. Leugh sinn ann an aon de na paigearan-naigheachd o chionn ghoirid far an do ghlac reiseamaid Ruiseanach leth-ceud de na Sineich, agus, an deigh an sgiùrsadh cha mhor gu bàs, thiodlaic iad beò iad. Tha so na ghnothach eagallach. Tha fios ’us cinnt againn gu bheil na Sineich fhein nan daoine nach ’eil aon chuid truasail no iochdmhor; ach ’nuair a smaoinicheas sinn gu bheil rioghachd a tha creidsinn ann an Dia agus ann an Criosd ciontach de ’n ghniomh so—gniomh a bheireadh eas-onair air dùthaich chriosdail sam bith—aidichidh sinn, agus aidichidh gach duine turail gu’m biodh e moran na ’s fhearr leigeil leotha mar a bha iad. Tha sinn an dochas gu ’n deanar dioghaltas air na Ruiseanaich air son a ghniomh so, agus gu ’n tig cordadh eadar na rioghachdan a tha cogadh ris na Sineich ann an ùine ghearr. Thainig Donnachadh Moireastan, aon de na saighdearan a dh’ fhag am baile so an uiridh leis a bhuidheann mu dheireadh a chaidh á Canada do’n Transbhaal, dhachaidh Di-luain ’sa chaidh. Ged a bha an oidhche gu math fuar, bha e air fhailteachadh gu cridheil. Thig an fheadhainn eile a dh’fhag am baile so comhla ris dhachaidh aig toiseach na bliadhna. AM BHEIL GAILIG AGAD? Ma tha seors’ aodaich sam bith a dhith ort, thig dh’an stor againne. Tha cleireach againn aig am bheil an deagh Ghailig. Tha sinn a’ cumail Aodach dhe gach seorsa, Brogan Obrach, Aodach Iochdair, Leintean Obrach, agus gach ni eile ’chuireas duin’ uime. Faic dealbh na leine os cionn an doruis. F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, MANAGER AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 189] [Vol. 9. No. 24. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha fear Alasdair Domhnullach, a mhuinntir Cheap Breatunn, ach a bha fuireach ann an Converse Creek, California, o chionn tri bliadhn’ deug air ais, air a robaigeadh ’s air a mhort anns an àite sin, air an ochdamh latha de’n mhios a dh’ fhalbh. Thainig ceithir mile de luchd-imrich á dùthchannan céin air tir ann am Montreal air a bhliadhna so. Tha an roinn a’s motha dhiubh gus dachaidh a dheanamh dhaibh fhein anns an Iar-thuath, agus tha an corr a dol do Ontario agus do Chuebec. Tha an fheoil a tha na Stàidean a cur a null do Bhreatunn am bliadhna air a mion-rannsachadh ma ’s urrainnear a cur air a mhargadh. Dh’ fhaodadh gur e ’s aobhar dha so an fheoil a bha na Geancaich a cur gu ruige Cuba, ’nuair a bha an cogadh aca ris an dùthaich sin, a bhi air a puinnseanachadh. Bha D. D. Mac-Coinnich agus Niall I. Gillios air an taghadh air son na pàrlamaid Di-ciaduin. Fhuair Mac-Coinnich dluth air 3000 bhot, an Gilliosach, 2800, Mac-Fhionghain, 2100, agus an Domhnullach, 2200. Tha àite no dha as nach d’ fhuaireadh fios fhathast, ach cha dean iad sin na h-àireamhan so atharrachadh gu mor. Bha an taghadh so gle shàmhach, agus cha deach ach mu dharra leth an luchd-taghaidh a mach. Ma chreideas daoine na h-Innseanaich faodaidh muinntir Cheap Breatunn coimhead air son geamhradh fada, fuar. Tha iad ag raitinn nuair a bhios gaoisid fada air na fiadh-bheathaichean agus na cnothan pailt air na craobhan beech gu’ n e sin comharradh air geamhradh fuar. Cha robh am bian cho tiugh air na fiadh-bheathaichean no na cnothan cho pailt air na craobhan beech o chionn grunn bhliadhnaichean ’sa tha iad am bliadhna. Thachair sgiorradh muladach ann am Malpeque, E. P. I., o chionn da sheachdain air ais. Chaidh dithis dhaoine do ’m b’ ainm McArthur agus Piton, a mhuinntir Gaspe Bay, am mach ann am bàta mu dhorcha na h-oidhche gus a dhol air bòrd soithich a bha air acaire mu leth-mhile o’n laimhrig. Anns a mhaduinn ’nuair nach d’ rainig iad an soitheach chaidh rannsachadh a dheanamh air an son, agus fhuaireadh an cuirp beagan làithean an deigh sin astar ghoirid o’n laimhrig. Thatar a deanamh am mach gu ’n deach am bàt’ aca fodha. Cha ’n ’eil seachdain a dol seachad nach ’eil sinn a cluinntinn naigheachd mu dhaoine a tha air am báthadh le bhi leantuinn na mara. Am bliadhna chaill a h-aon deug air fhichead dhe na daoine a tha seoladh am mach á Gloucester am beatha air an doigh so, agus chailleadh sia soithichean. Anns na coig bliadhna fichead a chaidh seachad, tha an àireamh a bhàthadh gach bliadhna bhar a cheile a ruigheachd ceithir fichead ’sa seachd deug. Mar sin bha daoine a tha seoladh am mach as a phort sin na b’ fhortanaiche am bliadhna na bha iad bliadhnaichean roimhe. THA e gle choltach nach ’eil gnothuichean a soirbheachadh cho math le Cruger anns an Roinn-Eòrpa ’sa bha dùil aige. Bha e am barail gu ’m faigheadh e rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa gu dhol ’san eadraiginn anns a chogadh a tha eadar an Transbhaal agus Breatunn; ach ann an sin tha e fada cearr. Dh’ innis na daoine a tha fodha ann an riaghladh an Transbhaal, mu’n d’ fhalbh e idir do ’n Roinn-Eorpa, nach ruigeadh e leas sealltuinn airson cuideachadh anns a chearna sin; ach cha ’n éisdeadh e riutha. Rainig e an Fhraing, agus liubhair e òraidean ann am bailtean mora na dùthcha sin, a ruith sios nam Breatunnach agus ag raitinn gu robh iad moran na’s an-iochdmhoire na fineachan fiadhaich Africa. Dh’ éisd muinntir na Frainge ris; agus bha dùil aig Crugar bochd nach biodh dragh sam bith aige cuideachadh fhaighinn—ach cha robh a thrioblaidean ach a toiseachadh. Chaidh e do ’n Ghearmailt a choimhead air Iompaire na dùthcha sin, ach cha robh Uilleam ag iarraidh a ghnuis fhaicinn idir. Bha so na bhuille throm do sheann Cheann-suidhe an Transbhaal. Bha e am barail gu ’m faigheadh e cuideachadh bho Iompaire na Gearmailt co-dhiu, ach bha e gu mor am mearachd. Tha na rioghachdan mora eile gu tur na aghaidh; cha ’n ’eil iad ag iarraidh a shron fhaicinn a stigh air an criochan. Mar so feumaidh Cruger a laithean deireannach a chur seachad—cha’n eil fhios aige c’ àite. Ionnsaichidh so gliocas, cha’n e mhàin dhasan, ach do cheann-cinnidh sam bith eile a chuireas an aghaidh ughdarras ceart an leomhainn Bhreatunnaich. Tha an seanailear a tha air ceann nam Boereich—DeWet—na dhuine a tha air ainm a chosnadh dha fhein ann an cogadh an Transbhaal. Ghlac e o chionn ghoirid ceithir cheud de na saighdearan Breatunnach. Ach ged ’tha na Boereich a faighinn buaidh air na Breatunnaich ann am blar no dha mar so cha seas iad fada. Thatar a deanamh am mach nach cuir iad moran dragh air na saighdearan Breatunnach an deigh deireadh na bliadhna so, a chionn gu bheil iad a dol na ’s laige a h-uile latha. Tha an cogadh so air sgrios uamhasach a dheanamh air an da thaobh. Chaill na Breatunnaich, eadar saighdearan ’us oifigich, corr ’us fichead mìle pearsa, agus tha an cogadh air cosg dhaibh coig ceud muillean punnd Sasunnach. Tha call nam Boereich moran na ’s truime na so. Mar is luaithe thig crìoch air a chogadh so ’s ann a’s fhearr. Mharbhadh coig daoine a bha ’g obair air an rathad-iaruinn ann am Barrie, Ontario, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh leis na carbaid. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. Gibhtean Nollaig Gu de b’ fhearr le do chairdean na do dhealbh fhein air a deagh tharruinn? An aite bhi sarachadh t’ inntinn a’ smaoineachadh gu de chuireas tu g’ an ionnsuidh mar ghibht, theirig do’n t-seomar dhealbh aig Kelly & Dodge, agus faigh dusan dhealbh. Tairnidh iad dealbhan air an latha no air an oidhche, latha soilleir no latha dorcha. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son sar obair mhath. Kelly & Dodge, Dealbhadairean, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. [TD 190] [Vol. 9. No. 24. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXIII. BLAR CHUIL-FHODAIR. Mu’n àm chianda bha dà-fhear-dhiag as pìobair de Chlann-Rath a’ teicheadh le cabhag as an àrich, rinn am pìobair suidhe ann am badan beag de phreis sheilich a bha ri taobh na slighe chum a phìob a phasgadh suas ’na bhreacan. Cha robh e fàd anns an ionad so ’nuair a thug trùpair a thainig an rathad an aire dha, agus theirinn e bharr an eich chum a mharbhadh, cha robh arm sam bith air a phìobair ach a bhiodag, agus mu ’n deach an trùpair na earalas bha i sàite gu léirg na chorp, An deigh do ’n phìobair na bha ’dh’ airgead ann am pòc an t-Sasunnaich a thoirt aiste thòisich e air toirt dheth nam bòtan a bha cho teann ma luirgnean is nach tigeadh iad a nios le tarruinn; air ball thug am pìobar’ làmh air a bhiodaig agus ghearr e na casan dheth an t-Sasunnach ma na glùinean, agus thilg se iad ann an lùib a bhreacain maille ris a phìob. Thug e sin as, an deìghe chàich, ach cha d’ fhuair e fradharc orr’. Ràinig Clann-Rath an òidhche sin Torra-Ghoill ann an Gleann-a-Moireaston, far an robh taigh-òsda beag ri taobh na slighe tha treòrachadh gu Cinn-tàile. A thaobh nach robh àite cadail ac’ do na h-urraid sin a dhaoine anns an taigh-òsd’ chaidh iad a laidhe anns an t-sabhal agus thuirt iad ris an òsdair, nan rachadh duine sam bith a chuir bruailean orra, nach biodh aig ach am bàs air son a shaoithreach. Ma mheadhon oidhche ràinig am pìobair Torr-a-Ghoill na làn fhalas, agus dh’ fheòraich e de ’na mhnaoi-mhuinntir a dh’ fhosgail an dorus dha, am fac i “dà Rathach dhiag (mu’n am so bha na Finneachan gu léir aithnichte dha chéile a thaobh a bhreacan sonraichte féin a bhi air gach duine,) a gabhail sios an Gleann.” Thuirt an cailin gum fac ach nach deach iad fathast seachad gun robh iad nan cadal anns an t-sabhal ud thall; “théid mi còladh riu” ars am pìobair; “cha téid” ars an cailin, “dh’ iarr iad gun duine leigeadh air an sgàth gu madainn agus cha bhi e sàbhailt dhut a dhol nan còir, ach ni mis àite laidhe dhut anns a bhà-theach mòran nas seisgeire na th’aca-san.” ’Nuair a ghabh am pìobair a bhiadh sa dhrama chaidh e féin san cailin a mach a thaigh a chruidh, bh’an òidhche ro fhuar agus thuirt am pìobair gun laidheadh e anns a bhualaidh air bial-thaobh na bà-riabhaich; dh’ fharraid an cailin, c’arson a dhianadh e sin? Thuirt am pìobair gu’n cumadh anail na bà anabarrach blàth e; mar sin shìn se e-féin anns a bhualaidh air bial-thaobh na bà agus chuir a bhean-mhuinntir ultach math feòir air uachdar. Cho luath sa’ dh’ àfhg an cailin am bà-theach, chaidh am pìobar air cheann a ghnìomha, agus mu’n tàinig an latha chaidh aig air luirgnean an t-Sasunnaich a thoirt ás na bòtun, agus thilg e iad anns an fhrasaich air bial-thaobh na bà riabhaich, agus shuain e na bòtan anns a bhreacan maille ris a’ phìob. M’a ghlasadh an latha thriall e-féin agus na Sàilich eile air an turas, agus chaidh nighean an taigh-òsd do’n bhà-theach chum fàilte na madainn’ a chuir air a phìobair. ’Nuair a rainig i ’n t-àit’ an robh fear a cridhe na laidhe, cha’n fhac i an “ionad a gràidh” ach luirgean an t-Sasunnaich. Bhuail i na basan as thog i ioram na truaighe, chaidh i steach far robh an t òsdair anns a ghal, dh’ fharraid fear an taighe ciod a bha cuir oirre? “Och nan och?” ars ise, “dh’ith a bho riabhach am pìobair gu léir bho’n raoir, cha’n eil mìr a làthair dheth ach na casan.” Air ball leum an t-òsdair a mach le thuaigh na làimh, ghlan spad e bhò aghs thiodhlaic se i-féin agus luirgnean caol’ an t-Sasunnaich san aon uaigh! Rinn na naimhdean léir sgrios uabhasach air a’ chuideach de’n àrmailt a ghabh rathad Inbheirneis, bha ’n t-slighe cho comhnard is gun d’ fhuair na trùpairean suas riubha ann an tiotadh, agus thòisich iad air obair a bhàis. Cha robh fear féilidh no bonaid a bha tachairt riu nach robh iad a marbhadh agus chaidh mòran d luchd-dùch’ a chaidh le iongantas a dh’ amharc a bhlàir a chuir gu dith a’ measg chàich. Cha do mhair a mhire-chatha latha Chuil-Fhodair ach ma dhà fhichead mionaid. Bha bhuaidh gu h-iomlan air taobh nan Sasunnach. Ach gu cinnteach b’ iadsan a chaill bu chliùtiche agus bu treuna fhuaradh na bhuidheann a bhuinig; bha dà Shasunnach mu’n aon fhear dheth na Gàeil bha ghaoth leo agus iomadaidh gunna mòr a frasadh nam mìle peileir an measg nan Gàeil, ach a dhain-deoin gach cùise, nan robh, Clann-Domnuill air dol sios, theagamh gun biodh sgeul eile ri aithris ma dhéibhinn latha Chuil-Fhodair. An deighe dha na chath a bhi thairis dh’ òrduich an Diùc do chuid saighdearan a dhol a chasradh nan daoine bha nan laidhe leòint’ air an raon, chaidh na h-oifigich leis na saighdearan air feadh na h-àraich agus thòisich iad air bruanadh gach duin’ anns am fac iad coltas anail na beatha le’m béigeileidean, agus da ’n gearradh sios le ’n claidheannan, bha na gealtairean brùideil so a deanamh fearas-chuideachd de phian nan treun-laoch a bha nise nan laidhe gun chomas éiridh chum iad féin a dhion, agus thòisich iad air sadadh na fala ’bha taosgadh tro na h-ùr-lotan a bha iad a gearradh anns na daoine leth-mharbh so air a chéile mar chùis abhachd, gus an robh iad fa-dheoigh (mar bha fear aca féin ag aithris) n’a bu choltaiche ri feòladairean na ri Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. Bha Eirionnach a’ tomhas muice, agus air dha fhaicinn na chothromaich i, thuirt e:—“Cha do thomhais i faisg uiread ’sa bha mi ’n dùil, agus gu dearbh cha robh mi ’smaoineachadh gu’n tomhaiseadh.” Léintean farsunn do na leanaban òga. Cinnidh an fheòil fhad ’s a’s beò an smor. Tha an riaghladh Breatunnach a’ dol a cheannach àireamh mhor each—leth-cheud mile—anns na Stàidean. Tha iad ri bhi air an cur do Africa mu dheas, far an cuir an t-arm feum orra. Cha bhi sonas air bus lom. Cha chuimhnich cù comain. Cha robh bàs fir gun ghràs fir. Leum an gàradh far an ìsle e. [TD 191] [Vol. 9. No. 24. p. 7] àrmailt de shaighdearan Criosdaidh. Mar bha’n Diùc féin agus triuir no cheathrar dheth a’ chuid oifigeach a marcach air feagh na h-àraich, thainig e fagus do Ghàeil òg a bha na laidhe leòint air uilinn, thog an t-òganach a cheann, agus dh’-fhoighnaich an Diùc ris co dha bhuineadh e? Thuirt an t-òigear gum “bhuineadh e do ’n Phrionns’.” Air cluinntinn sin do ’n Diùc dh’iarr e air fear dheth na h-oifigeich an t-òganach a mharbhadh, thuirt an t-oifigeach ris gur h-e nach deanadh a leithid air chomhairle duine bha beò, agus gum b’ annsa leis gum mòr an dreuchd a bh’ aige anns an arm a chall gu tùr seach a bhi na fheòladair dhaoine. Dh’iarr an Diùc an sin air fear eile dheth na h-oifigich an t-òganach a’ mharbhadh dhiult am fear so mar a rinn a’ chiad fhear, thainig an sin saighdear an rathad agus dh’ fharraid an Diùc dheth an robh urchair ’na ghunna? thubhairt gur robh, agus mharbh an saighdear an t-òigear. Chaill na h-oifigeich a dhiult an gniomh brùideil so a dheanamh fàbhar an diùc bho’n uair sin. Be’n gill òg a chaidh a chasradh aig an àm so, Tearlach Friseil, mac a b’ oige Fhir Inbheir-fhalachaidh. Mhàrsail an t-àrm dearg ma fheasgar gu Inbheirneis. Be chiad ni rinn an Diùc an deigh dha am baile ruidhinn na saighdearan Gàelach a ruith air falbh as an àrm dhearg a thearbhadh a measg nam prìosanach, a chum an crochadh, cha bu lugha na sia-diag-’ar fhichead dhiù a chaidh a chrochadh. Am feagh a bha òganach uasal dheth na daoine truagha so a slaodadh ris a’ chroich, thainig oifigeach Sasunnach, agus shàth e a chlaidheamh anns a’ chorp gun deò, chum a leigeadh ris nach robh a nàimhdeas ciocrach fathast sàsaichte. Mar bha e bualadh a chuirp le lainn, chuir e dheagh dhùrachd do Shasuinn, agus fhuath do dh-Alba ’n céill anns na briathran so:—“A shlaightaire fairich sin! ’s ged a bhiodh do luchd-dùthcha gu léir air an aon diol riut is beag bu mhist’ an saoghal e; ceannairicich reasgach, agus luchd-brathaidh mi-dhìleas.’ Bha na saighdearan Albannach a bh’ anns an àrm-dhearg a’ coimhead agus a cluinntinn na brùide so, bha ’n inntinnean uasal, caomh-chairdeach a bha riabh a lasadh le eud dùthasach air an claoidh nan còm; agus cha b’ urrainn aon fhear dheth na h-oifigeich Ghàelach cumail air féin n’ a b’ fhaide, ruith e an dail an oifigeich Shasunnaich le chlaidheamh rùiste gu ghrad mharbhadh; ann an tiotadh bha chaonnag air a bonn eadar an da thaobhh agus bha’n ath chath a dol a thòiseachadh eadar na saighdearan Albannach agus Sasunnach nuair a thàinig an Diùc le pairti thrùpairean san eadraiginn. Cha robh breugach nach robh bradach. Cha tug gaol luath nach tug fuath chlis. Fear nach tréig a leannan no a chompanach. Am fear a tha ’s a’ chùil cumadh e shùil falach. Cha robh call mòr riamh gun bheagan buidhinn. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAL A STIGH AGUS FAIC. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 192] [Vol. 9. No. 24. p. 8] OISEIN DO ’N GHREIN AN AM EIRIGH. A ghrian na h-òg-mhaidne, ’s tu ’g éirigh Air sléibhtibh soir le d’ chiabhan àillidh, ’S ait ceuman do theachd air an aonach, ’S gach caochan mear sa ghleann ri gaire. Troimh dhriuchd nan caoin fhras tha croinn uaine Ag eirigh a suas gu bras ad chòmhail, Is filidh bhìnn nan coilltean fàsail A cur failt’ ort gu moch le ’n oran. Ach c’ àit a bheil air sgiathan siubhlach Roimh ghloir do ghnuise triall na h-oidhche? Is c’ àit a bheil aig duibhr’ a comhnuidh, Is uamh chòsach nan reultan soillseach? ’N tràth leanas tu ’n ceuman gu h-uallach, Mar shealgair ga ’n ruagadh ’s na speuran; Thus’ a direadh nan aonach àrda, ’S iadsan air beanntan fàs a leumnaich. ’S aoibhinn do thriall a sholuis àghmhoir, A sgaoileas le d’ dhearrsadh gach doinionn, Is maiseach do chleachdan dlùth òr-bhuidh A snàmh siar ’s do dhoigh ri pilleadh. Le seachran an dall cheo na h-oidhche, Cha ghlacar thu a chaoidh ad chùrsa, Is doinionn dhoirbh nan cuantan gàbhaidh Cha séid le ’n neart gu bràth o t’ iul thu. Le gairm na ciuin mhaidne bidh t’ eirigh, Is do ghnuis fhéillidh ’dusgadh sonais, A fògradh na h-oidhch’ o gach àite Ach suil a bhàird nach faic do sholus. Ach mar ta mise, a ghrian mhaiseach, Bidh thusa fhathast, anfhann, aosliath; Do shiubhail mall ’ad chuairt ’sna speuran, Do shuil gun léirsinn ’s tu a t’ aonar. Do ghnùis bidh doilleir mar a ghealach, Do shlighe cha lean thu ’sna speuran; Binn chaismeachd na maidne cha chluinn thu, Bidh tu mar shaoidh gun luaidh air eirigh. An sealgair seallaidh ’n ear o ’n leacain, Ach cha ’n fhaic e ’teachd t’ aogas sgiamhach; Brùchdaidh a dheoir ’s e pilleadh fo smalan,— “A mhadaidh mo ghràidh, threig a ghrian sinn.” Tha na rannan so air an tabhairt bho “Shean Dana” Mhic-a-Ghobha. Cha ’n fheil fios co a rinn iad; ach tha e làn chinnteach nach do rinn Oisein iad. Ge b’e co a rinn iad ’s e ’s dòcha gu ’n deach an deanamh fada mu ’n do rugadh an t-Ollamh Mac-a-Ghobha. Far nach bi nì caillidh an righ a chòir. CUMHA Do Mhr. Dòmhnall Mac-Neacail, a chaochail ’sa bhliadhna 1802. A neonan bhàn a ’s àìllidh snuadh, Gu càirdeil sgaoil ’mach thur na h-uaigh’. An so tha sìnt’ an laoch bha treun; Bu mhor a mhath ’s bu bheag a bheud. Tha cheolraidh brònach air gach taobh; Cha chluinn iad tuill’ a chòmhradh gaoil. Na ’chadal trom tha ’m fiubhaidh còir, Bu ghrinne beus ’s bu chaoine gloir. Cha ’n fhaic an t-aineol tuill’ a ghnùis, A sgaoileadh fuachd ’s a ghluaiseadh rùn. Tha ’n gaire blàth ’s an fhàilt’ gun fheall Air caochladh dreach ’s an cleachd air chall. ’Nis faodaidh ’m fear a thig an céin A sgeul a dhathadh réir a bheus’, Bho ’n dh-ìnnseadh dha gu ’n d’ thréig am beul A mhaoladh gath na teanga bréig’. Thig, ’fhir a shiubhleas thar an raoin, Is faic an cròthan boidheach aoil; Rach agus dòirt an sud do dheur, Oir b’ airidh e-san ’tha fo ’n fheur. Eoin bhinne ’s moiche ’dhùisgeas fonn, Taomaibh an so bhur ceolan trom, Is biodh bhur guth gu tiamhaidh tric; Bu bhinn a bheul-san tha fo ’n lic. A ghrian a’s àillidh ceuman shuas, Do ghathan blàtha dòirt mu ’n uaigh; Bu shamhl’ do dhearrsaidh cridh an tréin A chi thu ’n so fo smachd an éig. A bhean na céill’ a ’s caoine snuadh, Na biodh do dheoir a ruith cho luath, Cha mhair an cadal so a chaoidh, Is chi fhathast rùn do chrìdh’. Seadh, chi thu e ’san t-saoghal chian, Mar dhearrsadh gréin’ nach caochail sian; ’N sin sguiridh bròn is sileadh dheur, ’S cha sgar am bàs sibh ’chaoidh o chéil’. A chlann mo ghràidh a ’s aille dreach Na biobh an còmhnuidh chòir nan leac; Ged chaill sibh athair bàigheil, ciùin, Tha agaibh fhathast reul gu ’r stiur’. ’S ni ’n alladh ghlan gun smal, gun smùr, A dh’ fhàg e air an taobh so ’n ùir, Fior chàirdean duibh ’s gach àit an téid; Cha ’n eagal duibh, ’s leibh gràdh nan speur. Cadal gun fhaireachadh cailleach an tàillear. Cadal nan con ’sa’ mhuilionn. AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. GIBHTEAN NOLLAIG. Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets, Lockets, Dressing Cases, Bataichean le cinn oir. ANNS AN STOR AIG—K. BEZANSON. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 193] [Vol. 9. No. 25. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN DI-HAOINE, DESEMBER 21, 1900. No. 25. O Chionn Tri Fichead Bliadhna LE IAIN. CAIB. VII. “AONGHAS FIONN MAC DHOMHUILL HEARRAICH.” CHA robh dad sam bith cearr ri chur as leith Dhomhuill Hearraich, no as leith a theaghlaich; ach bha iomadh neach a’ labhairt le suarachas mu ’n deidhinn, a chionn nach b’ ann de ghnàth mhuinntir na dùthchadh a bha iad. Thug an t-Uachdaran Domhull as na h-Earradh gus a bhith ’na mhaor-seilge anns a’ ghleann-uachdrach. Bha Domhull ’na dhuine cho grinn ’s cho modhail ’s cho fìrinneach ’s cho onarach ’s a gheibhteadh anns an dùthaich gu léir. Ged a bha seachdnar de theaghlach aig Domhull, cha do ràinig duine dhiubh a’ bheag a dh’ aois ach an dithis—Aonghas agus Anna. Mar a bha nàdarra gu leòr, fhuair an dithis chloinne so, o nach robh beò ach iad fhein, barrachd dhe ’n toil fhein na gheibheadh iad nan robh an coignear eile beò. Bha cuid mhath de ghrìd na bàrdachd ann an Domhull. Rinn e iomadh òran éibhinn agus òran molaidh do chuid dhe na coimhearsnaich. Ach feumar a ràdh nach robh olc sam bith ’na bheachd ged a bha e ’deanamh nan òran. Mur robh Aonghas a mhac na bu chuireadaiche agus na bu gheur-chuisiche na ’athair, cha robh e dad air dheireadh air. Dheanadh e duanag òrain mu thionndadh na boise. Cha deanadh duine sam bith am mach air ’aghaidh co dhiubh a bhiodh e mar mhagadh no da rìreadh an uair a bhiodh e ag innseadh naigheachdan; oir cha tigeadh uiread is fiamh gàire air ’aghaidh. Bu ghlé thoigh leis a bhith ann an cuideachd dhaoine a bhiodh déidheil air naigheachdan annasach. Dheanadh e suas naigheachdan as a cheann fhein ann an ionad nam bonn, agus cha mhòr nach tugadh duine sam bith ’fhacal gur e an tul-fhìrinn a bhiodh annta o thoiseach gu deireadh. Bhiodh ’athair a’ faighinn phaipearan-naigheachd o’n uachdaran gu math tric, agus o nach robh na paipearan-naigheachd ach ainneamh ri ’m faotainn aig an àm, bu ghlé thoigh leis na daoine a bha ’n geall air naigheachdan a bhith far am bìthteadh ’g an leughadh. O’n a fhuair Aonghas barrachd sgoile na fhuair aon sam bith eile de ghillean òga nam bailtean, agus o’n a bha barrachd ùine aige gu leughadh phaipearan is leabhraichean na bha aig fear sam bith, ach fear ainneamh de ’sheorsa ’s an dùthaich, bha tomhas mòr de dh’ fhiosrachadh aige nach robh aig gille òg sam bith eile a bh’ anns an àite. An uair a rachadh e air chéilidh, bheireadh e leis paipear-naigheachd ’na phòcaid. Leughadh e gu fileanta do na bhiodh ’s an éisdeachd, cha b’e mhàin na naigheachdan a bhiodh anns a’ phaipear, ach mar an ceudna, naigheachdan nach b’ urrainn a bhith ann, agus nach robh riamh ann am paipear. Ach b’ann an oidhche nach biodh paipear aige bu mhò a dh’ innseadh e de ròlaiste. Agus mar bu trìce, bheireadh iomadh neach creideas do gach naigheachd a dh’ innseadh e, ged nach biodh a’ bheag sam bith dhe’n fhìrinn annta. Ach bhiodh na daoine bu tùraile, agus bu tuigsiche na cheile gu math tric ag aithneachadh, gu ’n robh e ag innseadh iomadh naigheachd dhaibh nach robh riamh ann an leabhar, no ann am paipear. Ged a theireadh cuid de dhaoine ris nach robh ’na chainnt ach ròlaiste gun bhonn gun bhlagh, cha deanadh e ach gàire riutha. Bu cheart cho math leis a bhith ’g a chàineadh ri bhith ’g a mholadh. Cha ghabhadh e gu h-olc facal sam bith a theirteadh ris. Bha far-ainm air Aonghas. Riamh o’n a bha e ’na chnapach beag anns an sgoil, b’ e Aonghas Fionn, a theirteadh gu cumanta ris. Fhuair e an t-ainm so a chionn gu ’m b’e deise de chlò aotrom-ghlas a bhiodh e a’ caitheamh mar bu trice. O ’n a bha ’athair ’na shealgair fhiadh, dh’ fheumadh deise ghlas a bhith air an comhnuidh, a chum nach aithnicheadh na féidh e, an uair a bhiodh e ag ealadh orra, seach clach, no gnoban còinich. An uair a dheanadh a mhathair clò dha ’athair, gheibheadh Aonghas deise dheth. B’e deiseachan de chlò gorm no de chlò trom-ghlas a bhiodh air fir agus air fleasgaich òga nam bailtean. Bhiodh iad, air an aobhar sin, a’ samhlachadh Aonghais, o’n a bhiodh deise ghlas air an comhnuidh, ris a’ chlamhan ghlas, ris an abrar gu cumanta, “an t eun-fionn.” Bha Aonghas Fionn, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, ’na fhear-cuideachd anabarrach math. Cha bhiodh réiteach, no banais, no cuideachd chridheil sam bith eile air feadh na dùthchadh air nach bitheadh e. Ghabhadh e òrain gu leòr, agus mu dheidhinn na dh’ innseadh e de naigheachdan agus de dh’ ursgeulan eibhinn, cha robh crioch air. An latha ’bha Lachlainn a’ dol a bhuain an fhraoich, thug e an aire gu ’n robh caora le Domhull Hearrach a staigh gu ’leith ann an te dhe na cruachan anns an iodhlainn aige. Leig e leatha gus am faiceadh Domhull Hearrach no a mhac ann i; oir mur faicteadh ann i, is dòcha nach biodh e furasda dhearbhadh gu ’n robh i ann idir. An uair a bha Lachlainn a’ dol seachad air taigh Dhomhuill Hearraich, bha Aonghas ’na shuidhe ri taobh a’ bhalla, agus e gu trang a’ leughadh phaipearan. “Nach ciatach an gnothach dhuibh a bhith ’leigeadh leis a’ chaoraich ud agaibh a bhith ’g itheadh mo chuid arbhair-sa? An ath uair a chì mise anns an iodhlainn i, spadaidh mi i. Gabh sios agus cuir as an iodhlainn i. Ceangail a’ chonnlach, agus pàigh dhomhsa an domail a rinn i. B’ fhearr dhut gu mòr a bhith ’g a buachailleachd na bhith ’na do shuidhe ’s do dhruim ri balla ’leughadh paipear. Nam bu leam thu ghabhainn ort gu math ’s gu ro mhath le taod fliuch. Cha ’n ’eil annad ach an dearg sheotaire, mar a th’ anns a h-uile fear eile a tha ’cur seachad na h-ùine a’ leughadh phaipearan is leabhraichean. Cuiridh na paipearan ’s na leabhraichean an dunaigh air òigridh na dùthchadh, ma leanas iad air tighinn do’n dùthaich air an ruith air am bheil iad,” arsa Lachlainn ’s e glé chas, corruch ’na inntinn. Cha d’ thug Aonghas freagairt mhath no olc air Lachlainn. Phaisg e am paipear, agus ghrad dh’ fhalbh e a chur na caorach as na cruachan, agus a cheangal an fhodair. Ghabh e cuairt sìos rathad bruaich na h-aimhne air eagal gu ’m faiceadh bean Lachlainn e, agus gu ’n troideadh i ris. Agus feumar aideachadh gu ’n robh teanga glé ealanta aice an uair a thòisicheadh i ri trod ’s ri connsachadh. Ged a bha Lachlainn doirbh gu leòr an uair a ghabhadh e fearg, cha deargadh e air Catriona. Bha i gu nàdarra ’na boirionnach còir, caoimhneil; ach an uair a chitheadh ’s a chluinneadh i rud nach còrdadh rithe, dh’ fhàsadh i gle chas. Bha fhios aig Aonghas air so, oir cha b’ ann aon uair no dà uair a thug i ruith chàinidh air. An uair a chaidh e steach do ’n iodhlainn, bha ’chaora staigh gu leith ann an te dhe na cruachan. Chuir e ’mach i gu bog, balbh, agus thòisich e ri ceangal na connlaich Bha ’n iodlann aig cùl an taighc, agus bha Aonghas a’ cluinntinn cath bruidhne anns an taigh. Thug e sùil air an uinneig a bha ’m barr a’ bhalla, agus chunnaic e gu ’n robh fear dhe na lòsain briste innte. Ghabh e ceum a null thun na h-uinneig, agus chuir e a chluais ri claisneachd feuch an deanadh e ’mach co bha ’bruidhinn ri bean Lachlainn. Ann an tiotadh dh’ aithnich e guth bean Sheumais. Thug an comhradh a bha eadar na mnathan air seasamh far an robh e na b’ fhaide na bha dùil aige. An uair a chual’ e bhith ’g iarraidh air Ceiteig a dhol am mach a shealltainn an robh bean Dhomhuill Bhain a’ tighinn, thuirt e ris fhein, gu ’m bu cho math dha fuireach far an robh e air eagal gu ’m faiceadh Ceiteag e; oir bha fhios aige gu ’n robh i cho luath-bheulach ’s nach ceileadh i dad a chitheadh no ’chluinneadh i. An uair a thàinig bean Dhomhuill Bhain agus a thoisicheadh ri deasachadh na cuirme, thuirt e ris fhein, gu ’m fanadh e far an robh e gus an cuireadh iad crìoch air a’ chuirm. So mar a chual’ Aonghas a h-uile facal a bha eadar na mhathan o thoiseach gu deireadh. Cha d’ fhalbh e o’n uinneig gus an cual’ e bhith ’g iarraidh air na mnathan a dhol am mach air an dorus an iar. O’n a bha ’n dorus an iar ri taobh garadh na h-iodhlann, bha eagal air gu ’m faiceadh na mnathan e nam fanadh e far an robh e. Cho luath ’s a bha ’na chnamhan leum e ’mach as an iodhlainn, agus ruith e sios leis a’ bhruthach gu bruaich na h-aimhne. Dh’ fhalaich e e-fhein ann an sgor creige. Mar a chaidh ainmeachadh mar tha, chual’ e an comhradh a bha eadar an dithis ban. Ged a b’ ann le tuiteamas a thachair a dh’ Aonghas a bhith ann an àite éisdeachd do na mnathan an lath’ ud, feumar a radh gu ’n robh e glé dhéidheil air a bhith far-chluais. Bha ’n cleachdadh surach so glé chumanta ann am measg cuid dhe ’n t-sluagh aig an àm ud; agus tha aobhar a bhith ’creidsinn gu ’m bheil iomadh neach a’ leantuinn a’ chleachdaidh so gus an latha ’n diugh. Ach cha chualas riamh a bhith ’moladh nan daoine a bhiodh ’g a leantuinn. [TD 194] [Vol. 9. No. 25. p. 2] Ged a bha gach facal eile a labhair na mnathan glé mhath air chuimhne aig Aonghas, b’e na labhair iad mu ’n mhaor a b’ fhearr a bha air chuimhne aige. Bha e anns an àm air tlachd a ghabhail de thé dhe na nigheanan aig a’ mhaor. Thuirt e ris fhein, gu ’n deanadh e gach ni a ghabhadh deanamh a chum fios cinnteach fhaotainn mu ’n dòigh anns an robh am maor a’ deanamh a dhleasdanais mu ’n d’ thàinig e do ’n dùthaich. “Bidh mise,” ars’ esan ris fhein, “a’ gabhail beachd gu dluth air gach ni a chi agus a chluinneas mi. Ma tha dad cearr ri ràdh ris a’ mhaor, bidh fhios agamsa air mu ’n bi mi mòran na’s sinne na tha mi. Chunnaic is chuala mi mar tha rud no dhà mu ’n mhaor nach do chòrd rium.” Litir a Moosomin. Tha ’n geamhradh a nis againn an taobh so, agus ’s cinnteach gu ’m bheil sin mar sin agaibh fhein mar an ceudna, ’s aig a chuid a’s motha de leughadairean MHIC-TALLA anns gach àite. Thainig e oirnn an so am bliadhna gu math garbh, le fuachd is sneachda na thoiseach; ach tha sìde bhriagha againn a nis. Tha ’n geamhradh coimheach gu leor na uairean ’s an Iar Thuath; ach cha ’n abair mi gu ’m bheil e cho fior aognaidh idir ris an dealbh a tharruinn Mac Mhaighstir Alasdair, na oran do ’n gheamhradh Ghaidhealach. Ach tha fios againn uile nach biodh Alasdair coir fada ga fhàgail cho mìn, ciuin, boidheach ri samhradh na h-Eadailt, nan gabhadh e os laimh sin a dheanamh. Tha sinn air fàs cho eolach air an fhuachd a nis ’s nach cuir sinn uighreachd air ’n uair a thig e, ach cha robh sinn mar sin a chiad bhliadhna ’thainig sinn an taobh so. Bha gach bodach na [?]tan a deanamh deiseil airson a gheamhraidh is Sero. Cha robh cuid ro chinnteach, an uair a bha iad a cluinntinn dhaoine ’bruidhinn gun robh Sero a tighinn, ciod an creutair a bh’ ann idir. Chualas [?]n seann duine coir a foighneachd an ann air an rathad iaruinn a thigeadh e, air neo ’n e chas a bhiodh aige; ach mu ’n robh e moran na bu shinne [?]a fhios aige gle mhath air barrachd ’us sin ma chleachdanan Shero. Fhuair gach duine dhachaidh gach connadh ’us eile, ’s chite iad air an t-seachdain mu dheireadh de ’n fhoghar nan sruth gun bhristeadh leis na daimh mhora falbh na bhaile dh’ iarraidh biadh a gheamhraidh, ann a làn dhuil nach fhaigheadh iad gluasad a mach air dorus aon uair ’s gun tigeadh e. Ach a nis tha gach car dheth sin, ’s iomadh rud eile, ga fhàgail air choinneamh a gheamhraidh. B’ ann car mu ’n àm ud cuideachd, a bha cogadh nan Innseannach ann, ’s ged a bha iad astar math air falbh o’n àite so, cha robh fios aig daoine air ùr-thighinn de dh’ fhaodadh na daoin’ iongantach sin a dheanamh, no de na cumhachdan dorcha dh’ fhaodadh a bhi aca. Mar sin an uair a thainig air duin’ àraidh a dhol do ’n choille aon latha, ’san connadh aige air ruith am mach, ’se shuil gu mor bu thrainge na ’n tuagh, air eagal ’s gu faodadh Innseannach slaodach a bhi air chul gach preas. Cha robh ’m fradharc aige ro-mhath cuideachd, ’s mar sin bha gach bun dubh craoibhe a gabhail chumaidhean iongantach ma choinneamh, a maoidheadh air, ’s a deanamh chleas nach do rinn bun craoibhe riamh roimhe no na dheigh. Ach smaoinich Ailein air na suinn o’n d’ thainig e, ’s gu h-araidh air a chnap-phraisich fhuar a dh’ fhag e stigh, ’s lean e roimhe air gearradh an fhiodh. Sheas e ’n sin tacan a suathadh fhallus ’s ag amharc mu ’n cuairt, ach a chiad shuil a thug e sheas an t-amharc aige far an robh e ’s dh’ eirich gach gas gruaigeadh a bh’ air a cheann air an corra-bid leis an uamhas, agus b’e so a chunnaic e: Innseannach mor urad ri fear de laoich na Feinne, mu dhusan slat uaithe, ’s gunn’ aige, anns an robh (a reir Ailein) coiseachd latha dh’ fhad, agus rud bu mhiosa na sin, e ri guala ’n Innseannaich ’sa shuil ris, ’san ceann eile—’n ceann cunnartach—air cridhe Ailein. Cha ’n ’eil teagamh nach ann ga fhàilteachadh do dhùthaich a shinnsridh a bha ’n duine coir, ach b’e ’n fhàilte ’chuir Ailein air aon ghlaodh leigeil as a bheat gach sgornan a chuala ’n t-Innseannach riamh ’s a sgain gach craobh mu ’n cuairt. Thug e aghaidh air an taigh; ach na craobhan a bha cho modhail, stolda tiotadh roimhe sin, ’s ann a bha iad a nis nan deann-ruith, a tighinn o gach taobh, a feuchainn ri dhol as an rathad air, agus bha ’bhuil, bha iomadh te nan sineadh na dheigh, agus tha rathad réidh ann gus an latha ’n diugh. A nise, innseadh mi ann an cagar gu ’m b’e nighinn éibhinn le nabaidh do dh’ Ailein a bh’ anns an Innseannach, agus gu ’m b’e maide dubh gual an gunna bha i cuimseachadh air broilleach Ailean. A thaobh am barr a bhi cho dona cha ’n ’eil an t-airgiod ach gann an taobh so am bliadhna: ’s ainneamh tuathanach aig a bheil sporran reamhar, ged ’tha biadh gu leor aca, ach a chuid sin tha togail stuic tha iad sin na ’s fhearr dheth am bliadhna. Bu toigh leam tuilleadh a sgriobhadh, ach tha so air fàs car fada mar tha, ’s mar sin cumaidh mi gu uair eil’ e. Nam biodh mo lamh fada gu leor bheirinn ribeag á Bodachan a’ Ghàraidh. Tha mi ’n dochas gu bheil e mairionn. ’S iomadh sgriobhadair taitneach eile tha, a reir choltais, air bòidean samhchair a chuir orra fhein, iad am pinn a fhliuchadh ’sa mheirg a chrathadh dhiubh aon uair eile. Blais air a bhiadh ’s gheibh thu sannt air. Faigheadh iadsan am peann air a phaipear ’s cha ’n iarr iad sgur. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Na Tri Fainneachan. O chionn fada an t-saoghail, ma’s fhìor na chuala mi, bha iomadh rud a’ tachairt a bha ro iongantach. Bha buidsich ann a thionndadh le buille de shlachdan draoidheachd carragh cloiche gu h-òr, agus duine gu riochd aon a dh’ ainmhidhibh an achaidh, no eadhon gu sgonn maide. Bha iomadh dòigh ann air bacadh a chur air tinnis ’s air a’ bhàs fhéin. Bha dòighean ann air muinntira chumial òg a ghnath, agus air an deanamh aoidheil, ciùin, tlachdmhor anns na h-uile ni air chor a’s gu’m biodh sìth agus sonas a ghnàth a’ riaghladh ’nam measg. Dheanadh iad so gu léir le fàine druìdheil a chur air meur neach, no le trusgan-sìthe a chur uime. Bithidh sinne a tha beo ’s an linn as-creidmhich so gle mhall gu creideas sam bith a thoirt do sgeul faoin de’n t-seorsa, ach tha, aig a’ cheart àm, iomadh leasan maith ri fhaotainn uaith. A bharrachd air sin bithidh sinn ullamh air a bhith ’g ràdh nach robh anns an t-sluagh am measg an d’éirich na beachdan faoine so ach sluagh dorcha, borb, amaideach, aineolach. Tha eagal mòr orm gu ’m bheil sinne, moiteil ’s mar a tha sinn as ar cuid foghluim, mòran ni’s fhaide air ais ann an iomadh ni na iadsan. Innsidh mi sgeula beag no dha a nochdas gu soilleir cho glic ’s cho tùrail ’s a bha’n seann sluagh so. Bha duine uasal ann aon uair aig an robh fàinne ro luachmhor a bheireadh air duine sam bith aig am biodh e gu’m biodh speis mhòr aig na h-ùile neach dheth. Aig àm a bhàis thug se e do’n mhac bu docha leis air chùmhnanta gu’n gleidheadh se e gus am fàgadh se e mar an ceudna aig a’ mhac bu docha leis aig àm a bhàis, agus mar sin air aghaidh fhad ’s a bhiodh mac a’ tighinn an ionad an athar. A bharrachd air a so, am mac a gheibheadh am fàinne ’sann aige bhiodh riaghladh an teaghlaich agus a chòir-bhreth, eadhon ged a b’ e b’ òige de’n teaghlach. An déigh do’n fhàinne a bhi air a liubhairt a nuas o athair gu mac fad iomadh ginealaich thachair mu dheireadh gu’n robh e aig athair aig an robh triuir mhac a bha anns na h-uile ni anabarrach umhail, agus dleasnach. Bha e cho miadhail orra na’n triuir ’s nach robh fhios aige co aca d’an tugadh e’m fàinne. Mu dheireadh thall ’s e bhuail ’s a’ cheann aige gu ’n rachadh e far an robh an t-òrcheard ’s gu ’n tugadh e air dà fhàinne eile dheanamh cho coltach ’s a b’urrainn da ris an fhàinne bhuadhach ’s nach robh e’n comas do dhuine bha beò eadar-dhealachadh air an t-saoghal a chur eatorra. ’N uair a bha e air leabaidh a bhàis dh’iarr e a mhac bu shine a thoirt ’na làthair, agus air dha comhairlean maithe a thoirt air agus a bheannachd fhagail aige thug e dha fear de na fàinneachan. Chuir e fios air an dara mac agus air an treas mac agus rinn e’n t-aon ceudna riutha. Beagan ùine na dhéigh sin dh’eug e. Thiodhlaic a chuid mac e, agus an déigh do gach ni bhi thairis dh’innis am mac bu shine gu’n d’fhuair esan am fàinne o athair, agus mar sin gur ann aige bha còir air gach ni a dh’fhàg ’athair. Bha mòr-ioghnadh air a dhithis bhraithrean an uair a chuala iad so, ach ’s ann a bha’n t-ioghnadh orra nuair a dh’innis gach fear mar a thuirt ’athair ris. Thug gach fear ’fhàinne fhéin a làthair, ach cha robh e ’nan comas a dheanamh a mach co aig a bha’m fàinne buadhach. Bha’n dithis a b’òige ’g am meas fhéin a h-uile buille cho maith còir air aon dad a dh’fhàg an athair ris an fhear bu shine. Mu dheireadh thall chaidh na fir cho fada thar a chéile ’s gu’n tug iad a’ chùis an làthair a’ bhreitheamh. Thug gach fear a thaobh fhéin de’n chùis air aghaidh le innseadh mar a thuirt ’athair ris. Cha chreideadh fear seach fear dhiu gu’n tug an athair fealag asda; ach bha gach fear car ann am beachd gu ’n d’ thug a bhraithrean ionnsuidh air a char a thoirt as le fàinne meallta thoirt air aghaidh. Ach an deigh na h-uile rud bha leithid a dh’ earbsa aca ’na chéile ’s nach b’ urrainn daibh so a lan chreidsinn. Bha ’m breitheamh e fhéin ann an iom-chomhairle nach bu bheag mu ’n chùis, ach mu dheireadh thug e breth mar a leanas: “Cha ’n urrainn dhomhsa dheanamh a mach co e ’m fàinne ceart, agus mar sin cha ’n urrainn domh radh co aige tha còir air a bhi ’na cheann thairis air an teaghlach. Ma tha e fior gu ’m bheil buaidh shònraichte anns an fhàinne cheart a chum an neach aig am bheil e a dheanamh ionmhuinn ann an sealladh nan uile dhaoine, tha e mar an ceudna cheart cho fìor nach urrainn gu ’m bi a’ bhuaidh shonraichte so anns an dà fhàinne eile. Tillibh dhachaidh, agus sguiribh dhe ’r n-aimhreit. Creideadh gach fear agaibh gur h-ann aige fhéin a tha ’m fàinne ceart, agus a chum sin a dhearbhadh dha fhein ’s do mhuinntir eile, deanadh e strì a chum e-fhéin a dheanamh ionmhuinn leis na h-uile. An neach a bheir barr agus is mo choisneas de ghràdh muinntir eile dearbhaidh e gu soilleir gur ann aige a tha ’m fàinne ceart.” Lean iad a’ chomhairle ghlic so a thug am breitheamh orra, agus rinn iad strì feuch co bu ghràdhaiche ’s bu neo-fhéineile gus mu dheireadh thall an deachaidh gach aimhreit a b’ eatorra mu na fàinneachan air dichuimhne. Chaith iad am beatha gu réidh agus gu sona maille r’a cheile. Bha aon uair ann an aon de dhùthchannaibh na h-airde-near duine uasal a bha ann an suidheachadh ro àrd ’s a’ rioghachd. B’e a b’ fhaisge ann an [TD 195] [Vol. 9. No. 25. p. 3] inbhe air an righ fhéin. Ciod sam bith tubaist a dh’ eirich dha thachair gu ’n d’ rinn e dol as an rathad air choireigin a choisinn dha diombadh agus corruich an righ. Thug an righ ordugh teann, cruaidh e bhi air a ghleidheadh ’na phriosanach fhad ’s bu bheò e ann an seomar beag am mullach tùir àird. Rud nach b’ ioghnadh bha a chridhe gu bristeadh le bron. Bha e cruaidh leis deadhghean an righ a chall, ach bu shuarach leis sin seach a bhi dealachadh r’a mhnaoi ’s r’a phàisdean. Chunnaic e air a shon sin nach deanadh bròn feum sam bith dha, agus gu ’m b’ fhearr dha an oidhirp a b’ fhearr a b’ urrainn da dheanamh air teicheadh as an tùr. Cha robh e furasda dha idir teicheadh. Cha ’n fhaigheadh e sios gun fhios, a chionn gu ’n robh luchd-faire a ghnàth aig dorsaibh an tùir, agus na ’n tilgeadh se e fhein sios on uinneig bhiodh e grad mharbh ’nuair a bhuaileadh e shìos. Bu duine e aig an robh mor eolas mu thimchioll iomadh ni. Bha e ghnath a’ deanamh feum de shùilibh ’s de chluasaibh. Bha e a’ gabhail beachd air gnathannaibh gach creutair bheo air am b’ urrainn dha a bheag a dh’ eolas a chur. Ann an àm na trioblaid rinn an t-eolas so feum mor dha—thug e comas dha air teicheadh as an tùr. ’S ann o ghnàthannaibh daolaig, an creutair beag suarach sin air am feudadh na h-uile neach a bhi gle eolach, a dh’ fhoghlum e an doigh air am faigheadh e teicheadh. Air feasgar àraidh thainig a bhean gu bonn an tùir, ’s thoisich i ri gul ’s ri caoidh. Labhair e rithe mar so, “Ma ’s maith leat mise a bhi air mo chomas, grad sguir dhe d’ bhròn, agus rach dhachaidh agus na tig air ais gus am faigh thu na nithean so: daolag dhubh bheo, rud beag de sheann ìm, ceirsle bheag de shnath grinn sìoda, ceirsle de shnàth cainbe, ceirsle de chòrd maith làidir, agus cuairteag mhaith de bhall.” Ghrad dh’ fhalbh a bhean dhachaidh, agus fhuair i na h-uile ni dhiu so. An ath oidhche thainig i leo gu bonn an tùir. Dh’ iarr e oirre rud dhe ’n ìm a chur air ceann an daolaig, agus ceann an t-snàth shioda a cheangal m’a meadhon, agus a cur air balla an tùir ’s a h-aghaidh a chur rathad mullach an tùir. Rinn a bhean so. Nis tha e ’na chleachdadh aig an daolaig a bhi sìor dhol air aghaidh air an rathad air am faigh i fàileadh laidir sam bith as a cionn. Nuair a chuireadh a h-aghaidh ri barr an tùir, air dhi a bhi air a tarruing le fàileadh an ime bh’ air a ceann, choisich i suas air a’ bhalla gus mu dheireadh an d’ ràinig i an uinneag far an robh am prìosanach. Fhuair e mar so greim air an t-snàth shioda, agus ’nuair a fhuair, cheangail a bhean ceann na ceirsle cainbe ris. Tharruing e thuige e, agus na dheigh sin an còrd, ’s mu dheireadh am ball. Cheangail e ’m ball ris an uinneig, agus mar so leig e e-fhéin sios leis an uinneig. Fhuair e mar so a shaorsa troimh an eòlas a fhuair e air cleachdadh na daolaig.—An Gaidheal. “Am Mac mar an t-Athair.” Aontaichidh gach neach gu bheil e fior ann au tomhas ro-mhor mu lusan ’s mu gach creutair cruthaichte a mach o dhuine, gu bheil “am mac mar an t-athair.” Tha gach Garadair ’s gach Tuathanach a’ saoithreachadh anns a’ chreidimh so, agus tha toradh an saothrach a’ dearbhadh firinn an creidimh. Bhiodh e coltach gu leoir gu’m biodh an lagh a’ riaghladh na bu teinne thairis air gach creutair mar a b’ isle a staid anns a’ chruthachadh. Ma tha e fior gur iad na tri cumhachdan a dh’ ainmich mi a tha sonruchadh cor gach ni anns a’ bheil beatha; tha e so-thuigsinn nach ionann neart do gach cumachd fa leth thairis air cor gach gne chreutair. Mar is isle staid gach creutair ’s ann is lugha ’s is laige a chomasan; oir ’s e meud ’us neart a chomasan a tha ’sonruchadh airde no isle a staid. Cha ’n ’eil mar so dithis de na cumhachdan a dh’ ainmich mi ag oibreachadh cho tric no comasach ann am beatha a’ chreutair ’s a tha iad am beatha an duine. Cha ’n ’eil a chumhachd fein no cumhachd an t-saoghail a’ sonruchadh beatha an ainmhidh is airde staid—a shonais no thruaighe—mar tha iad a’ sonruchadh beatha an duine is diblidh ’n ar measg. Cha ’n ’eil an Saoghal (agus leis an “t-saoghal” tha mi ’ciallachadh gach ni tha buntainn ris o bhreith gu bhas) a’ caisleachadh a’ chreutair air cho iomadh doigh ’s a tha e ’caisleachadh an duine. Do bhrigh nach eil e fein a’ dol an coinneamh an t-saoghail cho tric no cho dian ’s a tha ’n duine, cha’n ’eil an saoghal ’g a choinneachadh air cho liutha bealach. Ann am beatha a’ chreutair an coimeas ri beatha an duine, tha ’chairdean ’s a naimhdean na’s laige. Ach bhiodh e mealltach a radh mu’n chreutair nach eil cumhachd idir aige fein ’s gu h-araid aig an t-saoghal thairis air a bheatha. Mu na h-ainmhidhean is airde comasan, cha ruigear a leas dearbhadh a thoirt seachd aon chuid air a’ ghleustachd a tha iad a’ cleachdadh a chum sonas a shealbhachadh ’us truaighe a sheachnadh, no air gach iomadh doigh anns a’ bheil an saoghal—nan siontan—creutairean eile—pailteas us gainne loin—a’ sonruchadh an neart, an dreach, ’s an aireamh, anns gach tir. Tha so soilleir do gach neach a sheallas mu’n cuairt da ’n a dhuthaich fein, no ’leughas mu eachdraidh ainmhidhean an duthchannaibh eile. Agus tha na ceart chumhachdan a’ riaghladh, ’n an staid fein, beatha nan lus. Ma leughas sinn oibre nan daoine a rannsaich gu geur gne ’us doigh nan lus ’s nan creutairean is isle bith, chi sinn nach ’eil ni is cinntiche na so, gu bheil anns gach staid na comasan is feumaile ’chum beatha ’chumail suas air an neartachadh ’s air an aiseag ’n an neart do’n t-sliochd. Anns an stri mhior gu bhi beo, tha e fior, air aghaidh a’ chruthachaidh anns gach ceum, gu bheil d’ fheum a’ sonruchadh do neart; agus cha ’n e ’n duine a mhain, ach gach bith, a dh’ fhaodas a radh, “Ciod e nach toir neach air son a bheatha.” Seann Sgeulachd Lochlannach. ’Nuair a dh-iarras sinn soilleireachadh mu thimchioll mòran de na saobh-chràbhaidhean a thainig a nuas duinn o na linntibh dorcha feumaidh sinn, mar is tric, dol do sheanachas agus do sgeulachdan ar n-athraichean. Theagamh gu’n toir an sgeulachd Lochlannach a leanas beagan soillse air a’ bhaoth-chreideamh sin—cho cumanta, eadhon anns na laithibh so—gu ’n roimh-innis donnalaich nan con gu bheil tuiteamas tubaisteach éigin ri tachairt do’n neach mhi-shealbhach a chluinneas i. Co-dhiù, tha mi saoilsinn gu ’n taitinn an sgeul ri ’r luchd-leughaidh—’s mar so—so agaibh e. Dh’fhalbh Daighrinn gu eilean fad thar a’ chuan agus phòs e nighean bhòidheach òg. Ghabh iad còmhnuidh an sin le cheile rè sheachd bliadhntan, agus bha sianar chloinne aca. Ach, ’s ann a thainig am bàs do’n dùthaich sin, agus ghlac e bean Daighrinn, ’s i ’n lilidh àluinn, gun mheang, gun chron. Dh’ fhalbh Daighrinn gu eilean eile agus roighnich e bean ùr. An deigh là a’ phòsaidh, thug e leis d’ a dhachaidh i. Ach bha ise olc, cruaidh-chridheach. Thainig i ’stigh far an robh na leanaba muladach. Bha iad a deanamh caoidh agus an gorm shùilean a sìleadh dheur. Dh’ ùtaich i uaipe gu garg iad, oir bha i gun truas. Cha d’ thug i beòir na aran daibh, ach thubhairt i riutha “Bithidh an t-acras agus an tart oirbh.” Thug i uatha am pilleanan gorma, agus thubhairt i riutha, “Laidhidh sibh air a’ chòmlaich.” Ghlac i uatha an coinnealan dealrach, agus thubhairt i riutha “Fuirchidh sibh anns an dorchadas!” Anns an oidhche, bha a’ chlann ri gul. Chluinn am mathair iad, agus i fo ’n fhòid uaine—chluinn i iad o’n mharbh-phaisg fhuair, agus chuir i roimhe pilleadh air a h-ais chum bhi ni’s fhaisge dhaibh. Thainig i ’dh ionnsuidh ar Tighearna, agus thubhairt i ris “Thoir cead dhomh dol a choimhead air mo chloinn bhig,” agus rinn i ùrnuigh gun sgur gus an do leig o dhi pilleadh do’n talamh. Gidheadh, thug e aithne dhi teachd a rithisd do’n uaigh mu ’n goireadh an coileach. Chuir i air ghluasad a buill do-lubadh, sgith, agus streap i balla na réilig. ’Nuair a chaidh i seachad air a’ bhaile-bheag, ’s ann a lion na coin an t-adhar le’n donnalaich an-aoibhinn, mhuladaich. ’Nuair ràinig i ’n tigh, fhuair i a nighean a’s sine, agus i a seasamh air an stairsnich. “Dé tha thu deanamh an sin, mo nigheanag ghaolach,” deir i rithe, “agus c’aite ’m bheil do bhràithrean agus do pheathraichean.” “C’ arson a their thu rium-sa ’mo nigheanag ghaolach?” fhreagair am pàisde, “cha tusa mo mhathair: bha mo mhàthair-sa bòidheach, òg; bha a gruaidhean cho dearg ris an ròs, agus cho geal ris an t-sneachd; ach tha thusa cho bàn ri corp-marbh.” Cionnas a’s urrainn domh bhi bòidheach, og—thàinig mi à tìr nam marbh, agus is bàn mo ghnùis, Cionnas a’s urrainn domh bhi geal agus dearg, agus cho fada ’n tìm o’n d’ fhuair mi bàs.” Chaidh i a stigh do ’n t-seòmar-chloinne, agus fhuair i iad an sin ’s iad a deanamh caoidh le chéile. Nigh i a cheud diubh, chìr i falt fir eile, chomhfhurtaich i an treas agus an ceathramh, agus ghabh i ’n cuigeamh ’na dà làimh mar b’ abhaist anns na laithean a dh’ fhalbh. An sin thubhairt i r’a nighean a’s sine, “Imich agus iarr air t’athair teachd am ionnsuidh.” Agus ’nuair thàinig Daighrinn a stigh do’n t-seòmar, ghlaodh i, ’s i fo chorraich mhòir. “’Nuair a dh’fhàg mi’n tigh so ’dhol do thìr nam faileasan, bha beòir agus aran ann gu leòir; ach a nis tha acras air mo phàisdean gaolach. Bha pilleanan gorm’ aca, agus a nis tha iad a laidh air a’ chomhlaich. Dh’fhàg mi coinnealan dearlach, agus tha iad anns an dorchadas. Ma’s feum dhomh tilleadh an so a rithisd, bithidh tubaist agus mallachd oirbh! Ach, eisdibh! e!sdihh! ghoir an coileach ruadh—fe[?]aidh na h-uile mairbh tilleadh do’n uaighean beul-fhosgailte. Eisdibh a rithisd! ghoir an coileach dubh, agus fosglaidh dòrsan néimh. A nis, goiridh an coileach geal, cha’n urrainn domh fuireach ni ’s fhaide!” O’n oidhche ri’m beò, ge b’e uair a chluinneadh Daighrinn agus a bhean na coin a deanamh tathunnaich, thugadh iad an sin beòir agus aran do ’n chloinn, agus ge b’e uair a chluinneadh iad na coin ri donnalaich, bhiodh fiamh chritheanach orra, air eagal gu ’n tigeadh an tannasg a rithisd o’n uaigh.—W. H. ’sa Highland News. Cha dean ar neart fhein feum sam bith dhuinn. Cha dean am fear a ’s treise ’s an t-saoghal feum anns a’ chogadh mur bi airm aige. Cha mhò na sin a theid aig daoine air cur an aghaidh an diabhuil mur bi iad comhdaichte le uile armachd Dhé. [TD 196] [Vol. 9. No. 25. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $l.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, DESEMBER 21, 1900. THA MAC-TALLA a guidhe NOLLAIG CHRIDHEIL d’a chàirdean ’s d’a luchd-eòlais anns gach cearna dhe ’n t-saoghal mhor ’s am bheil iad a’ comhnuidh. Agus tha e ’n dòchas gu ’m bi iad beò, slàn air choinneamh iomadh Nollaig eile. Nach bochd an gnothuch nach urrainn na rioghachdan, beag agus mor, a bhi aig sìth ri cheile. Tha da dhùthaich bheag—Portugal agus an Olaind—a maoidheadh air a cheile ann an dòigh a bheir air daoine a chreidsinn nach ’eil iad fada bho chogadh. Bha ard-chomhairleach aig an Olaind ann an Lorenso Marques, a bha feuchainn anns a h-uile dòigh a b’ urrainn da, laghail no mi-laghail, air na Boeirich a chuideachadh. Rinn Breatunn gearain mu dheidhinn an ni so ri Portugal, a chionn gur ann leis an dùthaich sin a tha Lorenso Marques. Thug Portugal a dhreuchd bho ’n duine so, air dhi a chluinntinn mar a bha cùisean; agus is ann airson an ni so a tha an Olaind a bagradh cogaidh. Tha Portugal agus Breatunn aig an àm so gle chairdeil ri cheile, agus, air an aobhar sin, cha bhi an Olaind cho marbhteach ’sa tha i maoidhteach. Is math gu bheil na dùthchannan so a sealltuinn suas ri Breatuunn, mar a ni gille beag ri duine, air neo cha ruitheadh moran lathaichean seachad ’nuair a bhitheadh iad ann an cìreannan a cheile. Tha an saoghal làn de throimhe-cheile aig a cheart àm; ach tha sinn an dòchas gu ’m bi gach rioghachd, beag agus mor, aig sìth agus samhchair ri cheile ann an ùine ghearr. BHA beagan fhacal aig MAC-TALLA ri radh, ann an àireamh a thainig a mach o chionn ghoirid, mu chaochladh sheòrsachan sluaigh a bhi ’n Canada, ’s mu chuid dhiubhsan a bha ruith air son na pàrlamaid a bhi feuchainn ri ’n cur an aghaidh a cheile air son buannachd dhaibh féin. Chuir na bh’ aige ri radh beagan feirge air aon de ’n luchd-leughaidh, agus thug e ’n aghaidh oirnn air a shon, agus faodaidh sinn a radh gu ’n d’ rinn e sin ann an dòigh cho ciùin ’s cho uasal ’s gu ’n tug e toileachadh mor dhuinn. Tha cuid de dhaoine ann ’s gu ’n dean iad cronachadh cho garg air neach a shaoileas iad a chaidh cearr, ’s nach e chur ceart a ni iad idir. Cha robh mhiann air MAC-TALLA aig an àm ud, ’s cha ’n ’eil aig àm sam bith, a bhi luidhe na ’s truime air aon taobh na bhios e air taobh eile. Tha e meas nach e mhàin gur e shochair, ach gur e dhleasdanas a bhi togail a ghutha o àm gu àm a thaobh cùisean-riaghlaidh na dùthcha, an ni nach ’eil ceart a chronachadh, agus an ni tha ceart a mhisneachadh; ach cha ’n ’eil na bheachd taobh pàirtidh sam bith a ghabhail, agus ma thachras dha facal a ràdh a chuireas miothlachd air muinntir, cha ’n ann dha dheòin a tha e ’ga dheanamh. “An ni nach cluinn e an diugh cha ’n aithris e màireach;” agus eadhon ann a bhi ’g aithris an ni a chluinneas e, tha e air son aithris gu firinneach, gun leth-bhreth sam bith, agus aig an àm cheudna ann an dreach cho taitneach ’s nach cuir e oilbheum air neach sam bith a bhios ’ga leughadh. Na Gaidheil an Africa. Mar ann an ioma ceàrn eile do’n t-saoghal tha Gàidheil an Africa ris an canar Cape Town Highlanders; agus tha sgeul cianail ach cliùteach a’ tighinn dhachaidh mu’n déighinn. Bha dà fhichead diubh air an cur mar ghearasdan ann am baile beag ris an abrar Jacobsdal, agus fhuair iad an deuchainn. Chuir iad a suas am bùth ann an cùirt ceithir cheàrnach le tighean air gach taobh dhiubh. An déigh dhoibh a bhi an sin ùine bheag, rinneadh ionnsuidh fhiadhaich orra ás na tighean anns an robh mnathan Dùitseach a bha fo chùram ’s fo ghleidheadh nan Gàidheal. Aon mhaduinn aig leth-uair an déigh ceithir thòisich na Boers air losgadh orra air gach taobh. Bha e ro-dhuilich dhoibh iad féin a dhìon a thaobh gu’n robh na naimhdean air cùl ballachan nan tighean, agus na mnathan Dùitseach ’gam biadhadh agus ’gan cuideachadh. As an dà fhichead ud thuit ceithir deug agus leònadh ceithir deug ré nan naoi uairean a mhair an strì. Fhuair iad fuasgladh an déigh mheadhon-là troimh chùignear d’an luchd-dùthcha féin a thàinig o’n amhainn Modder air dhoibh a thuigsinn gu’n robh an co-Ghàidheil aig Jacobsdal ’an teinn. Theich na Boers ’nuair thàinig a’ chuignear ud, air dhoibh a bhi saoilsinn gu’n robh armailt a’ tighinn ’nan déigh. Losgadh an sin gu làr tighean nan troiteirean far an robh na Boerich air am falach agus air am beathachadh ré ceithir làithean mu’n d’ rinn iad an ionnsuidh fhuileachdach chasgraidh air na Gàidheil. Tha an sgeul so a’ cur ’nar cuimhne seann sgeulachd air euchdan na Féinne. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, MANAGER AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 197] [Vol. 9. No. 25. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha an t-sìde o chionn faisg air da sheachdain air ais anabarrach briagha, ged a bha latha no dha air an t-seachdain s’a chaidh anabarrach fuar; cha b’ urrainnear side geamhraidh a b’ fhearr iarraidh. Tha gu leòr de shneachda air an talamh gu ròidean grinn a dheanamh, nach fhacas an leithidean mu ’n àm so o chionn àireamh bhliadhnaichean. Cha b’ urrainn duine ach gann guidhe b’ fhearr a dheanamh a thaobh a gheamhraidh na gu ’m maireadh an t-sìde ’s na ròidean direach mar a tha iad gu toiseach an earraich. Thachair sgiorradh muladach aig Loch Ainslie Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, leis an do chaill Tearlach Mac-Gilleain a bheatha. Bha e frithealadh air muillean-bualaidh a bha ’g obair ’s an t sabhal aige, agus air dha bhi ’glanadh na h-inneil-fhasgnaidh chaidh a lamh an sàs, agus bha i air a gearradh dheth os cionn caol an dùirn. Bha e ’na sheann duine, tri fichead ’sa tri deug a dh’ aois, agus thug am pian ’s an call fala buille cho trom dha ’s gu ’n do chaochail e an ath latha. Bha e ’na dhuine measail anns a’ choimhearsnachd. Dh’ fhàg e bean agus teaghlach mor. Bhuail an da bhàt’-aiseig, an Acadia ’s an Hygeia na cheile faisg air Point Edward, Di-màirt s’a chaidh. Bha an oidhche a fàs dorcha, agus bha iad gu math dlùth dha cheile mu ’n d’ thug na sgiobairean fa-near gu robh iad an cunnart bualadh; an sin dh’ fheuch iad ri cheile sheachnadh, ach gu mi-fhortanach chaidh iad aon rathad, agus bhuail ceann-toisich na h-Acadia an cliathaich na Hygeia. Rinneadh spealgadh agus bristeadh mor air fiodh agus rinn a’ bhuille crithneachadh mor air an da bhàta, ach air chùl sin, cha d’ rinneadh call sam hith. Chuir an Acadia a dh’ ionnsuidh na laimhrig aig Point Edward, agus thainig am bàt’ eil gu Sidni. Tha e air innse gu robh ùpraid uamhasach air bòrd an Acadia an deigh dhi bualadh, daoine air choltas a bhi dol as an céill leis an eagal, a’ tilgeadh an cuid aodaich dh’an uisge ’s ’gan deanamh féin deiseil air son a bhàis. Bu luchd obrach a mhor chuid dhiubh, a’ dol dhachaidh o’n obair-iaruinn. Thatar a’ dol a dh’ fheuchainn ris an taghadh a bhristeadh ann an deich siorrachdan an Nobha Scotia, ann an deich siorrachdan an New Brunswick, ’s anns a h-uile siorrachd an Eilean a Phrionnsa. ’Se ’m bonn air am bheilear a’ dol a dh’ fheuchainn ri sin a dheanamh, gu ’n d’rinn iadsan a chaidh a thaghadh, ma’s fior sgeal na muinntir a tha cur ’nan aghaidh, dòighean mi-iomchuidh a ghnàthachadh air son bhòtaichean a chosnadh. Tha mu uiread us uiread de liberals ’s de chonservatives ri bhi air am feuchainn, agus cha’n eil teagamh, mu’n tig latha na cùrta nach dean iad iomlaid: leigidh an darna pàirtidh am fear so saor air chumha gu’n leig a phàirtidh eile am fear ud saor. Tha so na chleachdadh aca o chionn iomadh bliadhna, agus cha’n ann dhe na cleachdaidhean a’s fhearr e; oir tha lagh agus ceartas gu tric air an cur a thaobh leis. Tha daoine tha ciontach a’ faotainn á làmhan an lagha, agus tha daoine neo-chiontach gu tric a faotainn droch cliù le bhi air an iomlaid air son dhaoine tha ciontach. Tha a’ chuideachd Gheancach a bha cladhach air son na h-olla aig Loch Ainslie an deigh toirt suas. Chladhaich iad ceithir tobraichean, a chosg dhaibh mu dheich mìle dolair, agus cha d’ fhuair iad uiread us àileadh olla fhathast. Ged tha na Sineich na ’n daoin’ iongantach ann an iomadh doigh tha iad ag amharc le tàir air neach nach pàigh a chuid fhiachan aig ceann gach bliadhna. Tha sinn am barail nach biodh e as an rathad do chuid do ar luchd-leughaidh eisimpleir na Sineich a ghabhail anns an doigh so. Bhàthadh corr ’us da cheud pearsa air amhuinn ann an Sina air doigh iongantach o chionn ghoirid. Thuit duine anns an uisge bhar soitheach-smuide air an robh ceithir cheud luchd-turuis, agus leis cho ealamh ’sa leum pairt dhiubh gu taobh an t-soitheach chaidh i thairis leis an sgrios a dh’ ainmeachadh. Tha an soitheach-iasgaich “Sigrrid” air chall á Gloucester, Mass., o chionn corr us ceithir miosan, agus cha’n eil teagamh sam bith nach deach i fodha leis gach aon a bh’ air bòrd, Bha da dhuine dheug oirre, agus bhuineadh dithis dhiubh do Cheap Breatunn, an Caiptean Friseal, a bhuineadh do Phort Hawkesbury, agus Iain Mac Gill-fhaollain, a bhuineadh do St. Ann’s. Thainig bàs cianail air fear Iain Domhnullach, ann am Bridgeport, feasgar Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fein us dithis no triùin eile ann an taigh-òil, agus air dhasan suidhe air bocsa, thòisich e ri gearan. Chaidh a chompanaich dhachaidh, agus o nach robh fear an taighe-òil am barail gu robh dad cearr air cha do chuir e suim sam bith ann. Ach air do fheadhain eile tigh’nn a stigh, thugadh fa-near gu robh an duine, a bha nise na shineadh air an ùrlar, marbh. Bha jury ’nan suidhe dha no tri lathaichean, a feuchainn ri tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn ach cha robh fianuisean ri ’m faighinn. B’i bhreth a thug iad a mach mu dheireadh gu’n do dh’ aobharaicheadh a bhàs leis an ol, breth a tha gun teagamh sam bith fior. “’S dan an coileach air a dhùnan fhéin.” Tuigidh neach ciallach sam bith brigh an fhacail so ’nuair a leughas e am beachd amaideach a th’ aig Mercier, ceannard an airm Fhrangach, air rioghachd Bhreatuinn. Tha e ag ràdh gu ’m biodh e furasda gu leor do shoithichean cogaidh na Frainge a dhol a null do Bhreatunn agus ionnsuidh a thoirt air an rioghachd sin a ghlacadh gu ’n mhoran dragha. So beachd cho faoin ’s cho gorach ’s a chur neach an geill riamh, a bha ann an dreuchd ard an dùthaich sam bith. Dh’ fhaodadh nach ’eil an duine amaideach so ach a bruidhinn airson ainm a chosnadh dha fhein am measg rioghachdan na h-Eorpa; agus ’s e ’s docha gur e barail an amadain a bhios aca air air a cheann mu dheireadh. Feuchadh esan no a leithid air Breatunn a ghlacadh agus chi e an uair sin de cho furasda ’sa tha e sin a dheanamh. Cha chuir na briathran a labhair an duine so moran dragh air Breatunn. Agus ’s e ’s docha mu ’n ruith moran sheachdainean seachad gu ’n cluinnear gu robh Mercier air a sparradh ’san taigh-chaothaich—an aon àite ’s freagarraiche air a shon. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. Gibhtean Nollaig Gu de b’ fhearr le do chairdean na do dhealbh fhein air a deagh tharruinn? An aite bhi sarachadh t’ inntinn a’ smaoineachadh gu de chuireas tu g’ an ionnsuidh mar ghibht, theirig do’n t-seomar dhealbh aig Kelly & Dodge, agus faigh dusan dhealbh. Tairnidh iad dealbhan air an latha no air an oidhche, latha soilleir no latha dorcha. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son sar obair mhath. Kelly & Dodge, Dealbhadairean, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. [TD 198] [Vol. 9. No. 25. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXIV. Air an ath mhadainn chual an Diùc gun robh tuilleadh fathast dheth na Gàeil leointe, an cleth ann an cùiltean falaich air feagh na h-àraich, air ball chuir e pàirtidh dheth an armailt a chum am faotainn agus am marbhadh. Fhuair iad air a mhadainn sin ma thri-fichead sa’ deich de dhaoine leòinte, agus ghiulanadh iad gu braighe uchdain, far an deach an càradh mar chuspair ro aghaidh prasgan shaighdearan a chuir ás daibh le aon làdach. Fhuair Siamarlan Thighearna Chuil-Fhodair naoi-deug dheth na h-oifigeich Ghàelach nan laidhe leoint, ann am badan beag coille fagus do ’n àraich agus fhuair e dòigh air an giùlan air cràgh-leabaidh a dh-ionnsaidh saibhlean a mhaighstir far an robh e a nochdadh gach caoimhneis a bha na chomas daibh, gu’s am fàirte an giùlan air falbh gu ’n àiteachan comhnaidh féin. Fhuair an t-àrm dearg brath far an robh iad so am falach agus ghiùlan siad iad a mach gu cùl garaidh, a bha dlù do ’n àite, iar dhaibh an càradh nan sreath ri taobh a chéile, chaidh iarraidh orra bhi ’g ullachadh air son bàis, chaidh cho liugha dheth na h-oifigeich sa’ b’ urrainn gluasad air an glùinean, cha b’ ann a dh’ aslachadh iochd an luchd-casgraidh, ach a shirreadh tròcair nèamh do ’n anamunnan, a bha nis aig iomal na siorruidheachd. Feagh a bha iad mar so crom ag ùrnaidh ri ’n Athair nèamhaidh, chuir aon làdach mhosgaidean crioch air am beatha dhòrainich, agus a chum an obair a dheanamh n’a bu ro chinntiche thòisich na saighdearan air sadadh nan eanachailean asda le earr nam mosgaidean. Cha d’ fhuaradh riabh a mach fir àireamh nan Gàel a thuit ann am blàr Chuil-Fhodair: ach cha b’ urrainn gun robh iad na bu lugha na mìle fear agus be sin cùigeamh earrainn na h-àrmailt, nam measg sin bha iomadach duin’ uasal ainmeil. Thachair air an latha so (mar bu ghnà leis na Gàeil a dhol sios do ’n àraich) gun robh na h-uaislean agus na diùlanaich a b’ fhearr ann an teas a chatha. B’ iad na Finneachan de bu mho thuit na Cama-Shronaich, na Stiubhartach, na Frisealaich, Clann-Chatain, agus Clann-Leain. ’Nuair a bha Mac-’Illeain nan Drumainnean air tì teicheadh le bheath as an àraich, chunnaic e dìthis dheth a chuid mac air an leòn, agus chaidh innse dha gun robh an treas fear na laidhe marbh air a bhlàr. “Cha bhi sin gun dioladh,” arsa fear nan Drumainnean; agus ged a bha ’n t-uasal so cho aosda is nach robh ròine fuilt air a cheann, ruith e air ais thun na h-àraich, mharbh e aon trùpair agus leòn e fear eile, ach an tiotadh a’n deighe sin thuit e fein gu ’n eiridh tuilleadh le lainn thrì trupairean sàite na chorp. Chaidh iomadaidh eile dheth na h-uaislean Gàelach a mharbhadh, ach thàr Stiùbhartach, Ghlinne-Seile agus Loch-Iall, às le’m beatha. Ré thrì laithean an deighe a bhlàir bha’n Diùca a tional na crice a dh’ fhàg na Gàeil as an deigh air an raon, agus fhuair e deich canonan fichead, dà mhìle trì-cheud agus fichead gunna, aon cheud ceitheir fichead a’s naoi’ diag claidheamh, seachd diag ’ar fhichead baraille fùdair, agus làn fichead cairt do pheileirean eadar bheag as mhòr. Bha [pìos a dhìth] Theich Tearlach dheth an raon le prasgan mharcach m’a thimchioll, maille ri cháirdean agus a luchd comhairle; chaidh iad a null air abhainn Naruinn, tro àth na Faile ma thuaiream ceithir mìle bho’n àraich, stad iad an sin car tacain a’ cuir an comhairle ri chéile ma ciod bu chòir daibh dheanamh. Thuirt cuid dheth na daoin’ uaisle gu ’m b’ fhearr dhaibh teicheadh a chùm nam beann leis an armailt far am b’ urrainn iad iad féin a daoin a dh’ aindeon na feachda bu treise b’ urrainn Rìgh Seòras a thogail nan aghaidh, gus an tigeadh cobhair as an Fhràing ’no gus an naiste sìth eadar iad féin a ’s fir Shasuinn. Thuirt am Prionnsa féin nach robh e faicinn tearnadh air a shon ach teicheadh do ’n Fhraing far an robh e cinnteach á tearmunn, agus á còmhnadh sluaigh a bheireadh an ath dheannal air Sasuinn maille ris na Gàeil. Gun tuilleadh a ràdh ghabh e chead dheth na cinn-feadhna agus dh iarr e orra dhol gu ruige Rua-bheinn ann am Bàideanach agus stad ann an sin, gus an cuireadh e fios da’ n ionnsaidh ciod a dheanadh iad an deigh sin. Air do ’n Phrionns’ a’ ghabhail de ’n armailt, thriall e-féin agus còignear dheth ha h-uaislean a thainig thar sàil as an Fhràing a chum eirthire sior shiorramachd Inbheirneis a ruidhinn far an robh sùil aige ri long fhaotainn anns an gabhadh e ’n t-aiseag do’n Fhraing. Air an turas so cha robh còladh ris dheth na Gàeil ach aon duine’ da’m b’ainm Imhear Bure, duine bochd, a chaith greis dheth aimsir ann an Duneideann [pìos a dhìth] agus a phàirti, chum an Torr-dharaich far an robh Mr Tomas Friseal Siamarlan Mhic-Shimidh na. h-Airde chòmhnaidh. Anna an so cha’n fhaigheadh iad fàrdach, bha na dorsan duinte agus an teaghlach bho na bhaile. Bha Mac Shimidh féin man àm sin [pìos a dhìth] a bha dùil aig a chaitheamh mar ònair ris a bhuaidh a bha ’m Prionnsa gu chosnadh thar a nàimhdean; ach mu ’n deach a bheag dheth na chùirm so ithe ràinig am Prionnsa, Imhear Burc’ agus a choignear eile taigh Ghor-tuileig, agus be ’m Prionnsa féin a thug a chiad naigheachd de Mhac-Shimidh, air an truaighe a thug a nuas air a cheann agus air a Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish Gloine, Paipear-balla The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Bras d’Or Steamboat Co.,Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 199] [Vol. 9. No. 25. p. 7] theaghlach; ach ged a bha sin mar sin ghabh am morair ri Tearlach gu suilbhear, agus dh’ iarr e air a bhi tapaidh, a mhisneachd a chumail suas, nach b’eagal nach cinneadh buaidh leis fathast. Thuirt am Prionnsa gun robh e ann am mòr theagamh mu’n chùis sin. “Cuimhnich thusa,” arsa Mac-Shimidh, “air cruadal agus buan-leanmhuinn a h-aon dheth na laoich bho’ n tàinig thu, Raibeart Brus, a chaill aon bhlàr diag, ach chaidh an dara blàr diag leis agus choisinn e Albainn.” Cha do labhair am Prionnsa facal mar fhreagairt do na briathran so, ach ghabh e-féin agus a phairti biadh a ’s deoch a’s thriall iad air an turas. Tacan an deigh sin chaidh Mac-Shimidh féin, a bha mu ’n àm so na sheann duine lag agus tinn, a ghiùlan air falbh air cràgh-leabaidh gu àite falaich. Chunnacas Tearlach agus a chompanaich a dol seachad gu bras astarach tro Chille-Chuimean ma dha uair sa’ mhadainn, agus beagan roi’ shoillearachd an latha ràinig iad Caisteal Inbher-Garaidh; cha robh aon chuid biadh no earnais anns an teach so agus a thaobh gun robh iad sgìth le astar dhà fhichead mile choiseachd, chaidil iad air an ùrlar nan cuid breacanan. ’Nuair a dhùisg iad ma mheadhon latha cha robh dad aca chuireadh iad gu ’m bial, ach chunnaic Imhear Burc slat-iasgaich na sìneadh ri taobh a chaisteil le dubhan a ’s driamlach. Bha ’n t-iasg mu’n àm sin a bristeadh gu dlùth san t-sruth, agus chaidh Imhear Burc air tì beagan a ghlacadh. Cha robh e na bhròd iasgair’ na bheachd féin no dhaoin eile, bha e’n dùil co-dhiù gu ’n rachadh aig air beagan bhreac a ghlacadh, agus gu sealbhach air an treas siabadh theum e bradan, agus cha b’ fhada gus na mharbh e geadag mhòr eile, an nuair a bhruich iad an t-iasg dh’ ith iad e gun aon dad leis ach deoch dheth an fhìr-uisg’ shoilleir anns ann deach àrach. Ghabh a phàirti gu léir an cead dhe na Phrionns anns an àite so ach Suilibhan, O’Neill, agus Imhear Burc, [pìos a dhìth] e-féin agus Imhear Burc iomlaid deise a chum am Prionns’ a chuir às aithne nan tarladh do luchd-brathaidh tighinn dlù dheibh. ’Nach a fhuair iad air dòigh thug iad am buinn as cho luath sa’ dh’fhaod iad, agus ghabh iad sios ri taobh Loch Arcaig. Ma naoi uairean a’ dh’ òidhche rainig iad taigh Dhòmhnuill Chama-Shròin ann an Gleann-Peighinn; chuir iad romp’ an òidhche sìn a chuir seachad ann an taigh a Chama-Shronaich, agus bha Tearlach cho sgìth an deigh a thurus is gun thuit e na chadal m’an d’ fhuair e chuid aodaich a chuir dheth. (Ri leantuinn) Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheac a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAL A STIGH AGUS FAIC. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 200] [Vol. 9. No. 25. p. 8] An t-Seann Charaid. Innseam dhuibh mu charaid liath— Gun cuir mi sios an ordugh e— Iad na suidhe stigh nan aonar, Cha robh aon a comhradh dhiubh; ’N sin chrath an seann duin’ caomh a cheann Is thuirt e, “Seall na stolan ud: Tha bhi ga ’m faicinn ga mo chradh, Is b’ fhearr leam as an t-seomar iad.” “O,” ars’ ise, “dean am fagail Greis an drasda comhla rium, ’Nuair a sheallas mi nan dàil Tha ’n tim a bha ’toirt solas dhomh; Saoilidh mi gu faic mi ’chlann A tighinn nan deann ’s iad comhraideach, A suidhe sios orra mar b’ abhaist, Cridheil, slàn, ’san oig’ aca. “Tha mo ghillean-s’ air dol bhuam; Tha fear ’sa chuan gun eirigh dhiubh; Tha fear eile dhiubh ’san araich, Anns na blair cha gheilleadh e; Tha mo nigheanag chlanach, bhàn, An diugh ’s a pàisdean fein aice; ’S dh’ fhàg iad sinne so nar n-aonar: ’S beag ar maoin o’n threig iad sinn. “Bha iomadh curam air ar toir ’Nuair bha iad og ri ’r glun againn, Ach shaoil sinn gun d’ reidh sud ma làr ’Nuair dh’ fhasadh iad ri ùine dhuinn. A bhi ag aithris mar a tha Cha dean e stath, ach ciuradh dhuinn; An àit’ ar trioblaid a dhol bàs ’S ann tha e ’n dràsd’ air dublachadh. “Bha sinn misneachail gu leor ’Nuair bha sinn og ’san t-slaint’ againn; ’S ge b’e call a thigeadh oirnn Cha chluinnte bron no canran sinn. Ach dh’ imich sud mar sgapas ceo, ’S gur lapach, breoite an drasda sinn, ’S dh’ fhalbh ar misneach mar ar treoir,— ’S gur cullaidh bhroin a charaid sinn. “Ach na biodhmaid tur fo champar Ged is lom a dh’ fhagadh sinn, Cuiridh sinn ar deigh ’s gach àm ’San Ti a gheall a chairdeas duinn. Ruithidh sinn an reis gu ceann, Ged tha sinn mall is faillinneach; ’S ma gheibh sinn uile dhachaidh thall Cha dean a chlann ar fagail ann.” Nach bochd gur firinn tha nam oran A thaobh moran phàrantan, Thog iad clann ’nuair bha iad og Le muirn is doigh mar tharradh iad; ’S a nis ’nuair tha iad aosmhor, liath, Tha saoghal riaslach annrach dhaibh; ’S a mhuinntir og a dheanadh doigh Gur beag tha ’n coir an àite dhiubh. C. C. IS LUAINEACH M’ INNTINN AN NOCHD. Is luaineach m’ inntinn an nochd, Ge beo mi, cha bheo mo thlachd; Mo chridh’ air seargadh am uchd, ’S trom dubhach m’ inntinn gu beachd. Is anns an àraich so shios ’Tha bhean ’s meachair, min-gheal cruth; Deud air dhreach cailce na beul, Bu bhinne na teud a guth. Mar chobhar an uisge ghloin, Mar eala ri uisge mear, Mar chathadh-cuir air uchd sléibh Bha ’n léug mu bheil mi fo smal. Bu mhìn ’s bu mhòdhar a sùil Fo mhal’ air nach brùchdadh neoil, ’S a gruaidh mar an caorann dearg, Air lasadh mar dhealbh an ròis. Meoir fhionna air bhasan bàn’, Uchd soluis a b’ àille snuadh; Ochan nan och! ’s cruaidh an càs An gràdh thug mi dh’ i r’a luaidh. Cha dirich mi aonach no beinn, Mo cheum air lagachadh tà; Aighear cha dig air mo ghnùis Gus an dean an ùir mi slàn. Mar ghràinne mullaich na déis, Mar ghallan ’sa choill a fàs, Mar ghréin a folach nan reul Bha thu fein am measg bhan ailt’. BRIATHRAN FHINN RI FEARGHUS. Bha Fionn agus a naimhdean mu choinnimh a cheile. Ghairm Fionn air Fearghus, a mhac, agus chuir e air ceann an t-sluaigh e gu dhol a sios do ’n bhlar. Labhair e ris anns na briathraibh a leanas:— C’ àit a bheil an og iolair fhuaimneach ’Bu tartrach sgiath am feachd a chruadail. Cha b’ fhòthnan le ’n do sgaoil thu ’m blàr, ’S cha bu lorg leinibh do shleagh ad laimh. Chi mi orra colg a chatha; ’S leats’, a mhic, an diugh an latha. Lùb an t-uaibhreach ’s na buail am fann, ’S am fuil a mhiodhair na truaill do lann. Mur tuit na trein cha ’n éirich do chliu, ’S taibhsean nan speur gu d’ cheum cha dig dluth. Caomhainn an lag, ach an aghaidh an làidir Bitheadh mar dhoire ri theine do ghàirdein. Mar ghaoth gu séideadh na caoire Bidh mo ghuth s’ air an raon so làmh riut. —Bho “Shean Dana.” AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc n de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. GIBHTEAN NOLLAIG. Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets, Lockets, Dressing Cases, Bataichean le cinn oir. ANNS AN STOR AIG—K. BEZANSON. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 201] [Vol. 9. No. 26. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DESEMBER 28, 1900. No. 26. Sgeul air Gaol ’us Gaisge BHA Bassus, am Probhaisd, ’na sheasamh ri taobh an Iompaire anns a’ ghrianan rioghail gu h-àrd, agus geur-shuil aige air na traill a bha a’ slaodadh a mach as an iadh-lann-chlcas mhor, fharsuing, cuirp nan daoine chaidh a mharbhadh anns na cluichean fuilteach a bu spors agus aighear do na sean Romhanaich. Sadadh saibh ’ga sgaoileadh aig na tràillean air na luirg dhearga a dh’ fhag na cuirp ’nan deigh. B’ abhaisteach an sealladh na luirg dhearga an deigh spors an latha bhi seachad, agus is e bu spors ann latha toiseachaidh ar sgeoil, an tuasaid bheag a bha ’na fior agus ’na dluth aithris air blar-cogaidh agus a cheart cho fuilteach ris; na comhragan deise eadar da dhithis dheug a chaidh a thaghadh as an da sgoil-chleas cho-fharpuisich a bu oil-thighean do ’n luchd-stri; na comhragan eadar beisdean fiadhaich agus comhragan eadar beistean agus daoine. Bha an luchd-coimhead gu h-ard ann an aitean socharach far nach ruigeadh beisd no fear-cogaidh orra, agus iad a’ guidhe buaidh-laraich agus a’ cuir gheall ri a cheile air fear no beisd sam bith mar a roghnaicheadh iad, agus sios uapa beisdean agus daoine ag iomairt bais air a cheile gun fhios tlaths, gun duil ri trocair. Ge b’e taobh a bheireadh tu suil chitheadh tu ann an cumadh ubh-chearcaill mhoir am balla reidh, geal, ard a bu dion do ’n t-sluagh agus a bu dunadh a stigh do na beisdean ’s do na risgeanaich; air an lar, an gaineamh comhnard, farsuing a’ toirt do shuilean uat le ’fheobhas agus a dhealraicheadh e; an sluagh os cionn a’ bhalla a’ deanamh goileam agus glaodhaich; agus uthard shuas dail-bhrat snasmhor, ciatach air dath an fhraoich agus gathan na greine troimhe a’ toirt iomadh cineal ligh air na h-aodaichean; gach ni mar so air a bhoidhchead, gus gu ’n rachadh mort agus leadairt a dheanamh air doigh thaitnich a thigeadh ri cail na graisge. Ach a mheud ’s gu ’n d’ rinneadh air an son, cha robh a’ ghraisg a’ leigeil orra gu ’n robh iad buidheach fhathast. Bu leir do Bhassus nach robh iad toilichte leis na chaidh chuir air am beulthaobh an t-seachduin roimhe, seachduin-breith an Iompaire Licinius. Bha Licinius fein frithearach, neo-shocrach cheana fein mar chomharradh air a sin agus e an deigh cuir a mach air a cho-Iompaire Constantine a bu uachdaran anns an aird an iar. Chunnaic e e fein ag imeachd air bile na h-ailbhinn sin, cogadh-baile, anns am marbh gach duine a bhrathair, agus air los ullamhachadh ’na choir, bha e an deigh tionail a’ chuir air ’airm as gach cearn de ’n dùthaich. Ar leis nach robh an sluagh a’ cuir leis, agus chuir e roimhe gu ’n deanadh e an guthannan a chosnadh air doigh air choireigin. Mar sin chuir e cul gu buileach ris a’ Chriosduidheachd, le iobairt a’ dheanamh gu folluiseach do na sean-dée, agus dh’ orduich e aireamh mhor Chriosduidhean a’ ghlacadh nam priosunaich agus an cur gu bàs aig deireadh na seachduin le an toirt do na leomhain. Chuir Bassus cagar ’na chluais gu ’m bu choir am mort a lion fear agus fear agus cha ’n ann ann an cuideachd a cheile, le run am misneach a thoirt uapa agus an sluagh a dhusgadh gu boile. Is ann do reir agus mar a bhitheadh de chradh-ghuin air giulan nan Criosduidhean a bhiodh de thoil-inntinn aig Bassus, duine leis am b’ fhior anail na beatha foirneart agus ain-iochd. Bha e an so air a lionadh le gamhlas agus an gamhlas sin gu bhi air a shasuchadh, oir is ann a nis a bha an gniomh uamharra a bu chrioch do ’n latha agus tarruing do ’n chruinneachadh mhor sin gu bhi air a chuir an ceill, agus b’ fheudar a nis do na Criosduidhean am beatha a thoirt seachad mar gheall air an creideamh agus mar abhachdas do ’n t-sluagh. B’ iomadh iad na Criosduidhean do ’m bu bhàs agus do ’m b’ uaigh na leomhain a bha ag gluasad shios agus callaid duarmanach aca a h-uile ceann tacain. Cha b’ iad na leomhain nach d’ aithnich ciod e a bha rompa agus monmhur an t-sluaigh as gach taobh a’n leigeil brath dhaibh gu ’n robh biadh an dothain gu bhi aca. Iad a’ gabhail a null ’s a nall, air ais agus air adhart, gun fois gun stad orra ach a’ sior imeachd agus an dranndan nuallach, trom asda an drasd ’s a rithisd a sgaoileadh air feadh an adhar gu tormanach, gearanach, agus mac-talla air chrith a’ freagairt da agus ’ga mheudachadh. Ri linn do ’n luchd-frithealaidh a’ deasachadh an iadh-lann, bha Licinius a’ coimhead air Bassus, agus cha robh fhios aige ciod e bu fath do ’n ghaire bheumnach, shearbh sin a chunnaic e air a ghnuis, ach faodar innseadh an so mar a bha agus b’e an sgeul air aingidheachd e, ged nach robh ann ach sgeul a bha gu cumanta anns na laithean a bha ’n sin. Uine ghoirid roimhe sin, chunnaic an Romhanach fein-speiseil, cruaidh, og-bhean mhaiseach a bu gheamnaidh beus agus a bu ghile dreach, agus chuir e roimhe a h-oigheachd a mhilleadh o chionn cho maiseach agus a bha i. Ach dhiult i dha, ag radh ris nach geilleadh i agus i beo agus gu ’m b’ fhearr leatha am bàs seach baois, agus gu ’m b’ fhuath leatha na theireadh e rithe. Dh’ eirich an fhearg air, an uair a chunnaic e nach robh feum da bhi rithe, agus bhuadhaich e air an Iompaire gus an deach a priosunachadh, agus air sin a diteadh mar bhiadh do na leomhain. Agus b’ ise a chiad neach a bha gu bhi air a chuir a mach daibh. Thug Licinius sanus bhuaithe; thug na bollsgairean sgal fada, cruaidh, srannach as na trompaidean, agus bha gaoir ’gam freagairt as na clachan, gaoir a bha mar bu trice ’na ghlaodh-manaidh agus rabhadh-bais do iomadh fear. Tharruing a h-uile fear ’anail asteach, agus thainig Candida, a’ bhana-Chriosduidh a mach. Aodach fada geal oirre, agus i gun ard cheum, gun ghiulan ard, ach cho ciùin, calma agus gu ’n do thuit tosd agus samhchair air na bha an lathair. A h-uile suil a bha anns an dumhail-sluaigh sin air a leagail oirre. Thug Bassus cromadh air fein agus an gaire beumnach sin, rabhadh an uilc, fathast ’na aodann. Thilg e crun rosan dearga chuice. Cha do chuir i suim ann an sin no an ni eile, agus i an deigh geilleachduinn do Dhia agus duil aice ri ’fhaicinn gu h-aithghearr. Bha a bhuil sin ’na gnuis; suilean seimh, fosgailte, gun fhiamh an eagail gun dalladh leirsinn, agus glan amharc aca air an speur ghuirm. A lamhan ann am meoir a cheile, ach iad gun uspairn gun teannachadh; neo-fhiosrach air gach ni, ged a bha, am fagus di, bàs cho eagallach agus gu ’n toir e allsgadh oirnn an diugh an àm an sgeul a chluinntinn. Thionndadh Bassus ri Licinius: “Nach cealgach mar a leagas iad orra,” arsa esan. “Thoir sanus do Arsacius, a’ thighearna, na leomhain a leigeil asteach uirre. Ni iad briseadh air a’ gho-ghiulan ud.” Thug Licinius plathadh sula gu leisg air. “Cha robh fhios agam gu ’n robh cùram agadsa anns a’ chuis,” arsa esan, agus mag ’na ghloir. Cha robh aig Licinius air an t-saoghal mhor ach a mhain ciod e an rud a b’ fhearr a chumadh ’fhadal dheth. “Fhuair mi fein moran de a dragh agus beagan de a h-abhachd,” arsa am Probhaisd. “Mur gabhadh i rium, gabhadh na beistean rithe.” Bhrisd a ghaire air Licinius. Bu leir da mar a bha, ach ciod e an omhail da-san ged a rachadh na ceudan a’ bhas-leonadh agus a’ reubadh as a cheile! Smeid e air Arsacius, fear-catachaidh nan leomhan. Rinn Arsacius a chromaidh gu lar, agus thug e lamh air na sailthean iaruinn a thogail, a bha a’ cumail nam beistean a stigh. Rinn na croinn iaruinn dararaich air a cheile agus ann am prioba na sula bhuail iad a mach, an da leomhan ciar-muingeach, lachduinn, dearg-shuileach, gailbheach, a’ roiceadh agus a’ beucadh ’nan culaidhean-sgeon ’us eagail. Thug iad dluth chuairt air a’ bhalla, ach am faigheadh iad as, an uair a thilg gille beag a bha uthard shuas clachag air fear aca. Chaidh e ’na chruban agus leum e as a chorp los breith air a’ ghille; ach cha bu tig an dilinn a leumadh e am balla sin agus thuit e siar sios le gronaich uaibhreach. “Air do shocair,” ghlaodh Arsacius ris a’ bheisd, ard a chlaiginn, ag cluinntinn sgread an leinibh da, “cum ort——” ach chlisg agus stad e, ag mothachadh da do ’n oigh aluinn do ’m bu dan na leomhain a bhiadhadh, agus i air a gluintean an ceann ùrnuigh. Truagh a diol! Feitheamh eagalach ri bas guineach aice, agus duil aice ri ionganan ain-iochdmhorach a bhitheadh ’ga ringeadh ’s ’ga reubadh ann am prioba. Eagal craiteach, rud nach b’ iongnadh, a’ toirt uirre a h-aodann a chomhdachadh ann am filleadh a h-aodaich, agus o leth a cuil na h-ainmhidhean a’ tighinn uirre uidh air n-uidh, tar ri lar, earball a null ’s a nall, a’ snagadh thar bathais a’ ghruinnd, dalta cait an deigh eoin. An luchd-coimhead ag amharc uirre gun smid gun diog as am beul, ach a mhain an uair a bhriseadh uspag chaisgte no plosgail air duine thall ’s a bhos. An sin, gu h-obann, dh’ eirich sgairt gheur, ghlan—sgairt leinibh a glaodhaich air a dhichioll: “Candida! Candida! feuch orra! feuch orra! sin chugad iad.” B’e guth a peathar bige a bh’ ann, agus gun ach [TD 202] [Vol. 9. No. 26. p. 2] i aice de dhilsean no de luchd-gaoil. Bha na parantan aca marbh o chionn seachd, bliadhna, agus mar sin, bha an te bu shine ’na mathair do ’n te b’ oige, agus bu mhath an togail i. Leatha-sa cha bu mhath an leanabh ’ga faicinn ’ga sracadh. Bu dusgadh agus bu neart di an guth sin. Thug i togail agus grad-thogail uirre ’na seasamh, ri linn do na beistean bhi mar fhad leum di, agus gu h-ughdarrach dh’ eubh i, “’Mhairi, theirig dhachaidh, greas ort, falbh.” Labhair i os ard agus gu h-athaiseach, gus gu ’n cluinnteadh i gu furasda leis a’ phaisde bheag a bha ’na suidhe shuas. Agus labhair i gu smachdail, o chionn nach b’ fhiach leatha a’ leigeil ris gu ’n robh i air chrith. Treun leinne gu ’m b’ urrainn di. Ach is ann a chinn a gno ni b’ fhearr na shaoil leatha. Bha buaidh iongantach air a briathran. Thuig na leomhain na briathran sin gu math agus gu ro mhath, air dhoibh bhi air an oilean le Arsacius leis am bu tric na facail ud ’gan cleachdadh riu. Chrom iad gu lar agus thug iad a nios orra ’nan cruban agus ’nan seaban gus am brocluinn. Ghluais osna cleibh trom as na bha an, lathair osna solais agus faothachaidh. Bha iomadh Criosduidh eile ann leis nach bu mhath a bàs ’fhaicinn, agus bu tearc duine measg chaich leis am bu mhiann a mort. Bu deistinneach leo na chualas mu gheur-leanmhuinn agus mu ghallraich cheana fein, agus dh’ eirich iad air am bonnaibh a casan a cheile. Shin iad a mach bhuapa an lamhan, na duirn duinte agus barran nan ordag ri speur, rud a bu sbuaicheantas beatha aca do na daoine air an deach an àr a chuir, nam bu mhath leo idir a chaomhnadh o chionn a ghaisge no ’òige. Ma bu mhor an upraid a bh’ aca roimhe, bu sheachd mhotha am burrall agus an caochladh buaireadh a bh’ aca a nis, agus an caithream ’ga eigheach aca gu h-ard, cruaidh, “Is miorbhuil e! Miorbhuil! Dhiult na beisdean i! Saor i! Caomhain i! Licinius, éisd ri ar guth?” Bha de choltas air Licinius gu ’n leigeadh e fa sgaoil i gus an sluagh a’ thoileachadh, agus gur ann gus an gleidheadh dha fein a chaidh a’ chuis gu leir a chuir air bonn. Ach an àm da bhi an ioma-chomhairle bha de mheud na feirge a bha air Bassus gu ’n do leum e ’na sheasamh, agus gun a chonn fo bheill, a’ cuir roimhe gu ’m b’e am bas a chumadh e di agus nach rachadh i as na leomhain, olc air mhaith le cach e. Dh’ iarr e air an Iompaire a luchd-bogha a’ ghreasad gus na h-ainmhidhean a leonadh le na saighdean beaga aca ach an gabhadh an stuigeadh chuice, ach o chionn Licinius a bhi fathasd ’san ag, rug e air fear de na leois-thuis, a bha taobh ris a’ ghrianan, agus thug e tilgeil bhras da. Le tuiteamas, bhuail an leus an lar faisg air fear aca, agus a’ tilgeil fras shradan as ann an aodann an ainmhidh. Chaidh e air boile, agus a’ gearradh leum da an comhair a chuil leig e draing as. Na traillean-saora aig Bassus, leis am bu bhuidhe miodal agus cuir asteach air an duine a dh’ fhuasgail orra, thilg iad clachan ris na beistean, a chaidh a nis gu dranndan agus gu gairge agus thionndaidh iad, seadh, thionndaidh na creutairean nach bu dàna le duine beo cur ’nan aghaidh agus thoisich as ur air snagan a dh’ ionnsuidh na ribhinne, agus i a rithisd air a gluintean, a ceann ’na h-uchd, a lamhan roimh a suilean. Bha an t-aite gu leir air aimhreit, an sluagh uile ’nan seasamh a rithisd, a’ crathadh nan dorn, a’ sgairteadh agus a’ claoradh, an uair a theirinn Arsacius le leum bharr mullach a’ charcair, agus sin e ’na chruaidh-ruith a stigh air aghaidh a chuideachadh leatha. Cha b’ aobhach d’a leithid dol ’nan dail, mur b’e am brod iaruinn teth, dearg a bha ’na laimh dheis; ach air fheobhas ge ’n d’ ruith e cha d’ rinn e ach tighinn eadar an oigh agus iad an uair a bha iad a’ casadh uirre; chrom e an sin gus a togail le a laimh chli air astrach a ghuaillnean am feadh ’s ’a bha an iaruinn sint’ a mach aige ri craos sanntach nam beistean, agus gu dearbh, agus air mo laimhsa agus air do dha laimh ’ga saoradh, a’ leughadair, cha b’ fhada dasan ag iomain fir a null ’s a nall diubh. Dhruid iad an comhair an cuil, oir bu mhath a b’ aithna dhaibh an iaruinn agus guth am maighstir, agus thug iad am brocluinn orra, agus ghabh esan a mach rathad eile agus ise air a mhuin. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. XV. AN uair a rainig a’ bhanrigh agus Beder an luchairt, thainig iad air lar, agus thug ise a lamh do Bheder, agus thug i steach do ’n luchairt e. Bha na mnathan-coimhideachd maille rith e mar an ceudna. Sheall i dha a cuid sheomraichean uile. Bha innsreadh annta gu leir a bha anabarrach riomhach, luachmhor, lan do dh’ or ’s de chlachan luachmhor. Thug i steach d’ a seomar diomhair fhein e, agus leig i fhaicinn dha garadh a bha anabarrach maiseach. Mhol Beder gach ni a chunnaic e, ach air dhoigh nach aithnicheadh i nach b’ e mac brathar Abdallah a bh’ ann. Bha iad a’ comhradh gu saorsnail mu chaochladh nithean gus an robh an dinnear deiseil. Chaidh a’ bhanrigh agus Beder a steach do sheomar na dinnearach, agus shuidh iad aig a’ bhord. B’ e or a bh’ anns a’ bhord, agus anns gach soitheach a bha air. Thoisich iad ri gabhail a bhidh, ach cha do bhlais iad air deur fiona gus an robh iad faisge air a bhith ullamh dhe ’n dinnear. An sin lionadh cupan de dheadh fhion do ’n bhanrigh, agus dh’ ol i a h-uile deur dheth air slainte Bheder. Mu ’n do leig i an cupan as a laimh dh’ ordaich i a lionadh a rithist do Bheder, agus shin i fhein dha e. Ghabh Beder as a laimh e le mor mheas, agus dh’ ol e air a slainte e. An uair a bha ’n dinnear seachad thainig luchd-ciuil a steach agus bha iad a’ cluich agus a’ seinn gus an robh greis mhor dhe ’n oidhche air a dhol seachad. Agus am feadh ’s a bha an ceol ’s an t-seinn a’ dol air aghart, bha Beder agus a’ bhanrigh a’ blasad gu math tric air an fhion. Mu dheireadh dh’ fhas iad le cheile gu math blath. Agus dhichuimhnich Beder gur e ban-draoidh a bha maille ris, agus bha e ag amharc oirre mar am boirionnach cho briagha ’s a chunnaic e riamh. Cho luath ’s a chunnaic a’ bhanrigh gu ’n robh e air fas gle bhlath leis an fhion, thug i ordugh do na h-uile a bh’ anns an t-seomar a dhol am mach. ’N a dheigh sin chaidh i fhein is Beder a ghabhail mu thamh. Air an ath mhadainn dh’ eirich iad gu math trath, agus chaidh iad do ’n taigh-fharagaidh. Thug na mnathan-coimhideachd deise a bha anabarrach riomhach gu Beder, agus bha ’bhanrigh air a h-eideadh ann an trusgan moran bu mhaisiche na ’n trusgan a bh ’uimpe an latha roimhe sid, an uair a thainig i an lathair Bheder. Chaidh iad le cheile do ’n t-seomar aicese, far an robh gach biadh a b’ fhearr na cheile deas air a’ bhord ’g am feitheamh. An deigh dhaibh am biadh a ghabhail, chaidh iad do ’n gharadh far an do chaith iad an uine gu feasgar a’ coiseachd air fheadh, agus ann an iomadh seorsa de thoileachas-inntinn eile. Fad shia seachdainean chuir a’ bhanrigh Labi agus Beder seachad an uine air an doigh so. B’ ann mar so bu ghnath leatha an uine ’chur seachad maille ris na daoin’ oga air an robh i ’tuiteam ann an gaol. Aig ceann nan sia seachdainean an uair a bha iad ’nan laidhe anns an aon seomar, dh’ eirich ise gu bog, balbh, agus i an duil gu ’n robh esan ’na chadal gu trom. Ach bha e ’na dhusgadh ged a bha e ’gabhail beachd air a h-uile car a bha i ’deanamh. An uair a dh’ eirich i dh’ fhosgail i ciste, agus thug i mach bocsa beag a bha lan de dh’ fhudar buidhe. Sgaoil i rud dheth tarsuinn an t-seomair, agus anns a’ mhionaid chaidh e ’na shruthan uisge. Chuir so ioghnadh mor air Beder. Ged a bha e leigeadh air gu ’n robh e ’na chadal gu trom, bha ’n cridhe air chrith aige leis an eagal gu ’m faigheadh i am mach gu ’n robh e ’na dhusgadh. ’Na dheigh sin thog a’ bhanrigh beagan dhe ’n uisge agus chuir i ann am meis e anns an robh flur. Thoisich i air fuinne, agus an uair a bha i greis mhath g’ a thaosnadh, chuir i stuthan eile ann a thug i a caochladh bhocsaichean; agus mu dheireadh rinn i bonnach dheth, agus bhruich i e. Agus fhad ’s a bha ’m bonnach a’ bruich chuir i na bocsaichean ’nan aite fhein. Agus an uair a labhair i facail dhraoidheachd, chaidh an sruthan a bh’ air an urlar as an t-sealladh. An uair a bha ’m bonnach bruich, thug i leath’ e, agus an teine, do ’n t-seomar dhiomhair aice fhein. ’Na dheigh sin thill i do ’n t-seomar anns an robh Beder ’na laidhe, agus gu ’n smaointean sam bith aice gu ’n robh o ’na dhusgadh. Thug a h-uile solas agus toileachas-inntinn a bh’ aige ann an luchairt na banrigh air Beder gu ’n do dhi-chuimhnich e Abdallah gus a sid. Ach thoisich e ri smaoineachadh air an oidich’ ud. Agus thuig e gu math gu ’n robh feum aige air comhairle fhaotainn uaithe. Cho luath ’s a dh’ eirich e thuirt e ris a’ bhanrigh gu ’n robh toil mhor aige a dhol a dh’ fhaicinn bhrathar-athar, agus ghuidh e oirre gu ’n tugadh i cead dha. “Ciod e tha thu ’g radh, fhir mo ghaoil!” ars’ a’ bhanrigh, “cha’n fhaod e bhith gu ’m bheil thu ’fas sgith mar tha, cha’n abair mi, de bhith ’fuireach ann an luchairt ro mhaiseach mar a th’ agamsa, far am bheil iomadh solas agad, ach de chuideachd banrigh aig am bheil tlachd ro mhor dhiot, agus a nochd iomadh comharradh dhut air meud a ghaoil? “A bhanrigh mhor,” arsa Beder, “cionnus is urrainn dhomhsa bhith sgith dhe gach fabhar is caoimhneas a tha sibh a’ sior nochdadh dhomh? Is fhada uam a bhith ’na leithid de shuidheachadh inntinn. Is e tha ’toirt orm cead iarraidh, a chum gu ’n innis mi do bhrathair m’ athar cho fada ’s a tha mi ’n ’ur comain. Feumaidh mi aideachadh, mar an ceudna, gu ’m bheil fhios agam gur toigh leis mi, agus air eagal gu ’n saoil e gu ’m bheil mi air fas coma dheth o ’n nach deachaidh mi g’ a fhaicinn o chionn sia seachdainean.” “Tha cead agad falbh, mata,” ars’ a’ bhanrigh; “ach cha bhi thu fada gun tilleadh, oir cha ’n urrainn mise bhith beo as d’ aonais.” An uair a thuirt i so, dh’ ordaich i each fhaotainn deiseil dha, agus dh’ fhalbh e. Bha aoibhneas mor air Abdallah an uair a chunnaic e Beder. Ged bu righ e, rug Abdallah air ’na ghairdeanan, agus rug Beder air Abdallah anns an doigh cheudna, air eagal gu ’n gabhadh neach sam bith amhrus nach robh iad daimheil dha cheile. Cho luath ’s a shuidh iad, thuirt Abdallah, “Seadh, [TD 203] [Vol. 9. No. 26. p. 3] cia mar a tha dol dhut, agus cia mar a tha thu ’cur seachad na h-uine comhladh ris a bhan draoidh?” “Feumaidh mi ’aideachadh gu ’n robh i gus a so anabarrach caoimhneil rium, agus gu ’n d’ rinn i na b’ urrainn i a chum toirt orm a chreidsinn gu ’m bheil gaol mor aice orm,” arsa Beder. “Ach chunnaic mi rad an raoir a tha ’toirt orm amhrus a ghabhail nach robh i ach ’g am mhealladh fad na h-uine. An uair a shaoil i gu ’n robh mi ’nam chadal, ged a bha mi glan ’nam dhusgadh, dh’ fheuch i ri eirigh gun fhios domh; agus thug so orm gu ’n do ghabh mi amhrus gu ’n robh olc eiginn fa near dhi; agus gus fhaicinn ciod a bha ’na beachd a dheanamh, dh’ fhan mi ’nam dhusgadh, ged a bha mi ’leigeadh orm gu ’n robh mi ’nam chadal.” An sin dh’ innis e a h-uile car mar a rinn i am bonnach. “Gus a so,” ars’ esan, “feumaidh mi aideachadh, nach robh mi ’smaointean ortsa no air a’ chomhairle ’thug thu orm mu dheidhinn na banrigh eucorach so. Ach an deigh na chunnaic mi ’n raoir, tha amhrus laidir agam nach ’eil a mhiann oirre cumail ris na geallaidhean agus na mionnan a thug i dhutsa. Smaoinich mi ort ’s a’ mhionaid, agus tha mi ’g am mheas fhin fortanach gu ’n d’ fhuair mi cead tighinn far am bheil thu.” “Cha ’n ’eil thu meallte ’na do bharail idir,” ars’ Abdallah, agus e ’deanamh snodha gaire, mar so a’ nochdadh nach robh e ’creidsinn gu’n deanadh i mar a gheall i. “Cha toir rud sam bith air droch bhoirionnach cumail ri ’facal. Ach na biodh eagal sam bith ort. Tha fhios agamsa air an doigh leis an tuit an t-olc a tha ’na run a dheanamh ortsa air a ceann fhein. Ghabh thu farabhas ann an am math; agus is math a rinn thu tighinn a chur do chomhairle riumsa. Is gnath leatha a cuid leannan a chumail fad shia seachdainean; agus an deigh na h-uine sin, an aite an leigeadh dhachaidh, is ann a tha i ’g an tionndadh gu ainmhidhean. Ach smaoinich mise an de air doigh leis an cumar i gun chron sam bith a dheanamh ortsa. Tha ’n talamh a’ giulan fada gu leor leis an uile-bheist so, agus tha an am a nis dioghaltas a dheanamh oirre a reir mar a thoill i.” An uair a thuirt Abdallah so, thug e da bhonnach do Bheder, agus thuirt e ris deanamh mar a dh’ iarradh e air. “Dh’ innis thu dhomh,” ars’ esan, “gu ’n d’ rinn a’ bhan-draoidh bonnach an raoir. Faodaidh tusa bhith cinnteach gur ann gus thusa ’g a itheadh a rinn i e. Ach thoir do cheart aire nach blais thu air. Air a shon sin, na diult a ghabhail as a laimh ma thairgeas i dhut e. Ach an aite ’itheadh, brist rud gun fhios dhi a fhear dhe na bonnaich a bheir mise dhut agus ith e. Cho luath ’s a shaoileas i gu ’n do shluig thu e, feuchaidh i ri thoirt ort a chreidsinn gur ann ri fealla-dha a bha i gus eagal a chur ort. Ach bidh dorran gu leor oirre ged nach leig i ris dhutsa e, agus bidh i ’smaointean gu ’n do dhichuimhnich i stuth araidh a chur anns a’ bhonnach. Bheir thu dhi am fear eile dhe na bonnaich, agus feuchaidh tu le coiteach ri thoirt oirre ’itheadh. Cha diult i thu idir, oir bidh toil aice ’leigeadh ris dhut nach ’eil an-earbsa sam bith aice annad, ged a thug i dhut aobhar gu leor air an-earbsa ’chur innte fhein. An uair a dh’ itheas i e, tog lan do bhoise dhe ’n uisge agus tilg oirre ann an clar an aodainn e, agus abair, Bi air d’ atharrachadh o ’n chruth anns am bheil thu nis gu cruth a leithid so a dh’ ainmhidh—direach ainmhidh sam bith a thogras tu. An uair a ni thu so, thig thu leis an ainmhidh far am bheil mise, agus innsidh mi dhut ciod is coir dhut a dheanamh ris an ainmhidh ’na dheigh sin. (Ri leantuinn.) MAR A CHEANNSAICH MI CALUM. Tha thu son mi dh’ innse dhut gu de thug orm Calum a ghabhail, ’nuair a bha fhios agam mar a dheilig e ri Anna, a’ cheud bhean a bh’ aige. Ma ta ni mi sin; cluinnidh tu an sgeul facal air an fhacal, agus gun smid ach an fhirinn. Tha fhios agad gu ’n do dh’ fhàg Domhull mi ann an suidheachadh bochd. Bha e gu trom anns na fiachan, agus bha am fearann ri bhi air a thoirt uam mu bhliadhna gu leth an deigh dha caochladh. Chuir mi a chlann gu Iain mo bhràthair, gus iad a dhol dh’ an sgoil. Bha Iain air son mi ’g an toirt dha fhéin, agus gheall e gu ’m biodh iad air an deagh chàradh na ’m fagainn aig iad, agus bha mi, a dh’ innse na firinn, a smaoineachadh gabhail ri thairgse, ach bha mi gle aindeonach a dheanamh. Ach ciod eile b’ urrainn mi dheanamh nuair a bha ’n t-àite ri bhi air a thoirt uam? Aon latha, nuair a bha ’n ùine gu bhi mach, bha mi glanadh a bhuntàta ri taobh na feansa-criche bha eadar mi-fhéin us Calum. Agus gu dearbh cha robh mi latha riamh roimhe no ’na dheigh cho trom-inntinneach ’sa bha mi aig a’ cheart àm. Cha d’ rinn mi car obrach o’n latha rugadh mi ach air fearann, agus cha b’ aithne dhomh obair sam bith eile dheanamh; cha robh fhios agam air an t-saoghal ciod a thigeadh rium. “Ma ta, ’s math an làmh thu air glanadh buntàta,” arsa cuideigin air taobh eile na feansa. “Is beag an t-ioghnadh ged a bhitheadh,” arsa mise, “is tric ris mi o’n dh’ fhàgadh leam fhéin mi.” “Ma ta, a Mhairi,” ars esan, “cha chreid mise nach eil sinn le cheile ’san aon deuchainn. Tha dhith ortsa duine a ghlanas am buntàta ’sa ni gach obair eile bhios ri deanamh a muigh, agus tha dhith ormsa bean a chumas an taigh dhomh; agus ma tha thusa deònach ’s ann a ghabhas sinn le cheile mar dhuine ’s mar mhnaoi. Tha air fairtleachadh orm searbhanta fhaighinn a ni ’n obair a b’ àbhaist do dh’ Anna bhi deanamh.” (‘Tha,’ arsa mise beag rium fhin, ‘agus cha tig an aon latha gheibh thu te eile a theid ’ga riasladh fhein gu bàs mar a rinn Anna dhut.’) “Gu de do bharail, a Mhairi?” Faodaidh tusa chreidsinn nach robh m’ inntinn-sa ’na tàmh beagan mhionaidean an deigh dha labhairt. Chuimhnich mi air gach ni a chuala mi riamh mu chruas ’s mu an-iochd an fhir a bha ’g am iarraidh. Bha aig Anna bhochd, nuair bu bheò dhi, ri bhi deanamh obair an taighe uile, agus pàirt dhe ’obair-san cuideachd, agus bha e air chùl sin cho spiocach ri duine sheas riamh air bonn bròige. Bha fhios agam gu robh e na dheagh chosnaiche, agus gu robh e comasach air beòlaind mhath a chumail ris fhéin ’nan togradh e, agus tha fhios agad fhein, a Cheit, gu robh Domhull bochd na ’dhòigh calg-dhireach an aghaidh sin. Bha e na dhuine bha anabarrach tapaidh, ach bha e gle shocair agus air bheag dòigheach, agus bhiodh e cur dragh mor air m’ inntinn a bhi faicinn nithean a’ dol a dholaidh mu choinneamh mo shùilean. Thuirt mi rium fein nach b’ urrainn dhomh gach ni fhaotainn a reir mo mhiann, agus gu ’m b’ fhearr duine dona na bhi gun duine. Agus air an aobhar sin fhreagair mi Calum, agus thubhairt mi:— “A Chalum, tha sinn a fuireach ri taobh a cheile chionn iomadh bliadhna. ’S aithne dhomsa gach coire th’ annadsa, agus tha mi cinnteach gur aithne dhut sa gach coire th’ annam-sa; agus ma ’s i do thoil fhein sinn a phòsadh, tha mise deònach. Cha ’n eil mi ’g radh nach fhaodamaid na bu mhiosa dheanamh.” Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, dh’ aontaich sinn gun dàil sam bith a chur ’sa ghnothuch. Thuirt Calum gu robh e fasanta ’sna h-amannan so do chàraid a bhiodh air ùr-phòsadh a dhol cuairt air falbh o’n dachaidh, agus on a bha aige-san ri dhol do ’n bhaile a chreic na clòimhe gu’m b’fhearr dhuinn a dhol ann. Dh’ fhaodamaid taghal anns an tigh aig Sine Ruadh, a b’ àbhaist a bhi ’g obair aige, agus gheibheamaid ar dinnear a nasguidh. Bha nighean a pheathar anns a bhaile, agus rachamaid a choimhead oirre-se aig a cheart àm, agus rachainn-sa cuideachd a choimhead air Iain mo bhrathair, ’s bha mi ’cur romham a chlann a thoirt dhachaidh. Agus rinn mi sin; bha Calum an aghaidh dhomh an toirt leam, ach thuirt e gu ’m faodadh iad tighinn fad seachdain no dha. Dh’fhàg mi ’na bharail fhéin e, a chionn cha robh mi air son cur a mach air fhathast. Dh’ fhuirich sinn am measg nan càirdean ’sa bhaile fad seachdain, agus an deigh sin, aon fheasgar grianach, thainig sinn dhachaidh. Maduinn an latha mhàireach dhùisg mi gu math tràth, agus thuirt mi rium fhein, “biodh misneach agad a Mhàiri, seas a mach an diugh, air neo cha ruig thu leas feuchainn ris tuilleadh. Dh’ fhuirich mi gu balbh, socair, Calum us srann chadail aige, ach mu dheireadh thug e srann mor as a dhùisg e fhéin. Phut e mise le ’uilinn agus ars esan:— “A Mhàiri, a Mhàiri, tha ’n latha geal ann. So, so, bi ’g eiridh neo cha bhi ’m biadh deiseil an diugh.” Bha mi uamhasach doirbh mo dhusgadh, ach an ceann beagan ùine chaidh agam air tigh’nn ugam fein, agus air dhomh a bhi suathadh mo shùilean, dh’ fhoighneachd mi de Chalum an robh teine math aige. “Teine,” ars esan; “cha d’ rinn mise teine, cha’n eil cuimhn’ agam cuin. Bhiodh Anna beothachadh an teine dhomhsa.” “An bitheadh gu dearbh?” arsa mise car coma-co-dhiu; “bhiodh Domhull ’ga bheothachadh dhòmhsa.” Chuir mi car dhiom fhéin ’s leig mi orm gu robh mi na mo chadal a rithist. Thòisich e air tionndadh ’s air cur char dheth fhéin, ’s cha do ghluais e as an leabaidh fad uair an uaireadair, ach nuair a thòisich a ghrian ri dearrsadh a stigh air uinneag an t-seomar, dh’ eirich e agus bheothaich e an teine. Cha robh bior de chonnadh tioram timchioll an taighe, agus bha dhiol aige ri dheanamh. ’Nuair a bha ’n teine a’ gabhail gu math, dh’ eirich mi. Ach mo lamh-sa dhut nach d’ rinn mi cabhag mhor sam bith. Bha mi gu math sgith dhe’n leabaidh, a fuireach innte cho fada, ach thuirt mi rium fhein, “Ma ni mi ’n teine ’n drasda feumaidh mi a bhi ’ga dheanamh ri fuachd a gheamhraidh, agus sin rud nach dean mi air son duine chunnaic mi riamh.” Bha e car dannarra fad an latha, ach cha do chuir mi suim sam bith ann, agus romh fheasgar dh’ fhàs e na b’ aoidheile. An la-iar-na-mhàireach bha e tòiseachadh air an fheur, agus bha sianar dhaoin’ aige còmhla ris. Bha agamsa ri obair an taighe dheanamh nam aonar, am bainne ri chur air doigh, agus maistreadh ri dheanamh, agus creid thusa nach robh mi ’na mo thàmh eadar a h-uile car a bh’ ann. ’Nuair a chaidh mi a dheasachadh na dinneir, cha robh stob connaidh air a ghearradh. Chuir mi Seonaidh, a bha mu sheachd bliadhna dh’ aois, a mach dh’ an phàirc fheòir a dh’ innseadh do Chalum gu robh mi ’ga iarraidh. Thainig e, ’s coltas crosda gu leor air, agus dh’ fheòraich e dhiom car son a chuir mi g’a iarraidh. Thuirt mi ris gu robh connadh a dhith orm gus an dinnear a bhruich. (Air a leantuinn air taobh 206.) [TD 204] [Vol. 9. No. 26. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA. Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, DESEMBER 28, 1900. Tha MAC-TALLA, aig deireadh a bliadhna so, a toirt moran taing dha chàirdean a sheas cho dileas air a thaobh, agus a rinn gach cuideachadh a bha ’nan comas leis re na bliadhna. Tha fhios againn gu math na’m biodh iad a feuchainn ri coire fhaotainn dha gu’m b’ fhurasda dhaibh sin a dheanamh, oir cha’n eil sinn a tagairt e bhi coilionta ann an dòigh sam bith, ach tha againn ri radh nach cuala sinn uapa ach gle bheag gearain. Chaidh àireamh an luchd-gabhail am meud; thainig moran a stigh ris as ùr, agus ’se àireamh gle bheag a chuir cùl ris, cho fior bheag ’s nach cuireadh am falbh no an tighinn call no buinig mhor air paipear sam bith. An àm a bhi gabhail ar cead de’n bhliadhna ’s de ’n naodhamh linn deug, cha’n eil againn ri radh ach gu bheil sinn an dòchas gu’m bi MAC-TALLA, gach bliadhna ’s gach mios a theid seachad air a cheann, a sior dhol na’s fhearr agus a fàs na’s measaile aig na Gaidheil anns gach cearna ’s am bheil e ’g an ruigheachd. Guidheamaid BLIADHNA MHATH UR, agus moran eile dhiubh do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, agus do na Gàidheil uile. Gu’m biodh sith agus soirbheachadh leotha, gu’m biodh iad fada beò agus ceò as an taighean, ’s gu’m biodh aca “Biadh us aodach agus slàint’ Is saorsa, càirdeas, agus sith” fad uile laithean an cuairt air an talamh—is e sin dùrachd MHIC-TALLA do na Gàidheil an àm na Bliadhn’ Uire. Tha luchd-ionaid nan cumhachdan mora an deigh a chur an céill ciod a tha iad a dol a chur mu choinneamh riaghladh Shina, mar dhioladh air son gach call us cosguis a chuir iad air na h-Eòrpaich agus mar dhearbhadh nach cuirear am beatha no ’n cuid an cunnart tuilleadh. A bharrachd air ceannardan nan ciontach a chur gu bàs, agus iadsan uile aig an robh lamh sam bith ’s na moirt a pheanaisteachadh gu trom, tha air iarraidh orra teachdaire chur do’n Ghearmailt a dh’ iarraidh mathanais air son bàs Bharon von Ketteler, leacan-cuimhne a chur suas air an làraich air an deachaidh a mharbhadh, agus mar an ceudna anns na h-àitean-adhlacaidh Eorpach a bha air an creachadh leis na Sineich, sgriobhaidhean gu bhi air na leacan sin ag innse mar a rinneadh, agus ag aithris duilichinn. Tha na daighneachdan a tha air an abhainn eadar Pekin ’s an cuan ri bhi air an leagadh, a chum gu’m bi slighe reidh aig soithichean gach rioghachd gu falbh us tighinn. Tha iad so agus cumhachan eile air an cur air Riaghladh Shina, agus mur gabhar riutha, tha ’n t-arm Eòrpach ri fuireach anns an dùthaich, ’s ris gach ni a chi iad iomchuidh a dheanamh a chum còraichean nan dùthchannan d’ am buin iad a sheasamh. Cha bhi fhios gu ceann beagan ùine ciod an fhreagairt a bheir riaghladh Shina dhaibh; cumaidh iad air ais cho fada ’s is urrainn daibh, agus ni iad cho beag ’s is urrainn daibh, ge b’e de gheallas iad. Rinn fir-ionaid o’n Riaghladh Bhreatunnach ’s o Riaghladh nan Stàidean air an t-samhradh s’a chaidh cùmhnant a thaobh sligh-uisge a tha riaghladh nan Staidean a dol a ghearradh thairis air an amhaich chaoil fhearainn a tha ceangal America mu Dheas ri America mu Thuath. Chuir pàrlamaid Bhreatunn a h-aonta ris a chùmhnant sin gu h-ealamh, ach rinn senate nan Staidean atharrachadh cho mor air ’s nach urrainn Breatunn gabhail ris idir; mar a dh’fhàg iad e, buinidh an t-sligh-uisge gu buileach do na Stàidean agus cha bhi ach gann còir no sochair sam bith aig Breatunn. Rinn na senators so air chomhairle luchd-seilbh nan rathaidean-iaruinn a tha ruith o chuan gu cuan anns na Staidean, daoine air am bheil eagal gu’n deanadh an t-sligh-uisge call a chur orra fhéin. Is dùthaich na Staidean ris am bheil e gle dhoirbh gnothuch a dheanamh. Tha na Boerich, fo ’n cheannard De Wet, an deigh bristeadh a stigh air Cape Colony, agus a reir na sgeula tha an suidheachadh anns a mhor-roinn sin gle fhada ’n aghaidh nam Breatunnach. Tha fios a thainig ag radh gu bheil coig ceud deug de na Dùitsich, a tha na’n iochdarain do Bhreatunn, agus a bha roimhe so gun ghluasad sam bith nam measg, an deigh eiridh air taobh an càirdean as an Transbhaal. Ma tha sin fior, agus gu’n eirich tuilleadh dhiubh, tha cùisean cunnartach da-rireadh. Cha’n eil arm anabarrach mor aig Breatunn anns an dùthaich a nis, agus ma bhios a h-iochdarain Dùitseach cho olc ’s gu’n eirich iad ’na h-aghaidh, faodaidh nach eil an cogadh ach a’ tòiseachadh. Tha De Wet ’na cheannard ro theoma, agus doirbh a bhi suas ris. Na’n robh esan air a ghlacadh, bhiodh an cogadh seachad a dh’ aithghearr, ach cha’n e ’n soirbh breth air. Bidh dòchas againn, co-dhiu, nach eil cuisean cho dona ’sa tha an t-iomradh, agus gu’m bi sith air a h-aiseag do’n dùthaich an ùine ghearr. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, MANAGER. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 205] [Vol. 9. No. 26. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh fear A. Pitman a ghoirteachadh gu dona ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh le tuiteam ann an clais dhomhain anns an robhas a leagadh phioban air an t-sràid. Tha Pitman a’ dol a lagh ris a bhaile, air bhonn gu’m bu chòir na claisean a bhi air an dion air dhòigh ’s nach b’ urrainn duine tigh’nn faisg orra gun fhios d’a. Tha e a’ tagairt coig mile dolair. Thainig an t-uisge toiseach na seachdain, agus thug e ruith cho dona air an t-sneachda ’s nach robh rathad sleighe anns a bhaile air an Nollaig idir. Dh’ fhàg sin gnothuichean na bu shàmhaiche na bhitheadh iad na’n robh an sneachda air fuireach. Bha na deagh ròidean ann air an dùthaich. Shil caitean beag sneachda oidhche Di-ciaduin, agus ma thig beagan eile na cheann bidh am falbh cho math ’sa bha e roimhe. Air a’ choigeamh latha dhe’n mhios so, sheas mu dha cheud de’n luchd-ceaird a bha ’g obair do chuideachd an iaruinn a mach a diùltadh obrach. Bha an latha air fàs cho goirid ’s nach b’urrainn daibh obrachadh ach naodh uairean, agus bha a chuideachd air son luach na h-uarach a thoirt bhar tuarasdail gach duine. Bhuineadh a mhor chuid dhiubh do Phittsburg, Pa., agus bha iad a faotainn o $2.50 gu $3.00 ’san latha. An ceann da latha thainig iad féin ’sa chuideachd gu còrdadh, agus chaidh iad a dh’ obair. Bheir ar leughadairean fa-near nach eil caibidil de’n sgeul “O chionn tri fichead bliadhna” anns an àireamh so. Tha sinn duilich gu’n do thachair sgiorradh beag anns an oifis leis an deach earrainn de’n sgeul a chur as an rathad, agus feumaidh luchd-gabhail a’ phaipeir foighidin a dheanamh fad dha mo tri sheachdainean gus am faighear an earainn sin a rithist o’n ùghdar. Cha’n eil sinn a’ meas gu’n dean e call mor sam bith dhaibh a bhi as aonais na sgeula fad na h-ùine sin, oir tuigidh iad o’n ionndrain a bhios ac’ oirre cho fior thaitneach ’sa tha i. Tha e coltach gu bheil traoitear am measg teachdairean nan cumhachdan mora ann am Pekin. Aig gach coinneamh a bhios aca, tha iad ag aontachadh nach toirear iomradh air na cordaidhean gu’n tig iad am mach as an t-seòmar ’s am bheil iad. Ach tha e air tigh’nn am follais gu’m bi fhios aig Li Hung Chang air gach facal a bh’ eatorra mu’n ruith da uair an uaireadair. Cha’n eil fhios co tha toirt fios dha, agus tha e cunnartach gu’n tog a’ chùis aimhreit eadar luchd-ionaid nan rioghachdan Eòrpach. ’Se sin a’ cheart ni bu mhiann le Li Hung Chang tachairt. Tha sgeul neònach a’ tigh’nn á Omaha, Nebraska. Bha gille beag d’ an ainm Eideard Cudahy, mac do dhuine beairteach a th’anns a’ bhaile sin, air a ghoid air falbh o dhachaidh o chionn ghoirid, agus fhuair ’athair fios gu’m faigheadh e air ais e na ’m pàigheadh e còig mile fichead dolair de dh’ òr. Rinn an t-athair sin gu toileach, agus chuireadh an gille dhachaidh. Fhad ’sa bha e air falbh—mu latha gu leth—bha e an ceangal agus a shùilean air an còmhdach; cha’n eil fhios aige mar sin càite ’n robh e, agus bidh e doirbh na daoine a thug air falbh e a lorgachadh a mach ’s a thoirt gu ceartas. Cha’n eil uiread ’sa b’abhaist de naigheachdan mu’n chogadh a tighinn on fhuair an Seanalair Citchener air ceann an airm. Tha esan a’ cur glasguib air an fheadhain d’am bu chleachdadh a bhi deanamh sgeul mor de ni beag; cha cheadaich e do bheag tighinn ach na chuireas e fhein air adhart, agus bidh sin daonnan cho goirid ’sa ghabhas deanamh. Oidhche Nollaig, thainig Nataniel Domhnullach, Sidni Mines, dhachaidh à Africa mu Dheas, far an robh e ’na shaighdear ann an aon de na reiseimidean a chaidh a null á Canada. Chuireadh fàilte agus furan air le muinntir na Meinne Tuatha. Bha band ’ga choinneachadh aig calla ’n rathaid-iaruinn, agus chaidh a chomhlachadh dhachaidh le àireamh mhor de chàirdean ’s de luchd-eòlais. Tha an cogadh a tha na Stàidean a’ cumail air adhart anns na h-Eileanan Philipeach a cosg gu daor dhaibh ann an airgead ’s an daoine. Tha e doirbh cùnntas a chumail air an airgead a thatar a’ pàigheadh a mach o mhios gu mios, ach ged a tha sin mor ’s e ’n call beatha is truime dh’fhairicheas an dùthaich. Thainig soitheach as na h-eileanan sin gu San Francisco an la roimhe agus dlùth air sia ceud deug corp aice air bòrd, cuirp shaighdearan a chaill am beatha ann am blàir no a bhàsaich le fiabhrus. Thachair sgiorradh muladach ann a Washabuckt maduinn latha Nollaig. Dh’ fhalbh Domhull Domhnullach gu dhol thairis air an amhuinn, air an robh deigh o chionn beagan lathaichean, agus bhrist an deigh fodha. Chaidh a phiuthar Anna dh’ fheuchainn ri shàbhaladh ach bhrist an deigh foidhpe-se cuideachd. Chualas iad ag eigheach air son cuideachaidh, ach mu ’n d’ rainig an cuideachadh iad bha ’n dithis air am bàthadh. Fhuaireadh an cuirp feasgar, agus bha iad air an tiodhlacadh le cheile Dior-daoin. Bha Domhull deich bliadhna fichead a dh’ aois, ’sa phiuthar coig bliadhna na bu shine na sin. Tha am màthair ’na bantraich, agus b’e Domhull a h-aon mhac. Chuir am bàs cianail so duilichinn mhor air na coimhearsnaich, aig an robh a phiuthar ’s am bràthair fior mheasail. Tha daoine nis air tigh’nn gu bhi dhe’n bharail gu bheil an cogadh ann an Africa mu Dheas fad o bhi air a thoirt gu crich. Tha an Seanalair De Wett agus iadsan a tha fodha ’nan daoine treuna, agus a reir coltais a’ cur rompa seasamh a mach fhad ’s is urrainn iad, ged a tha iad cinnteach gu feum iad striochdadh air a’ cheann mu dheireadh. Tha iad mion eòlach air an dùthaich, agus tha sin a toirt cothrom mor dhaibh. Tha Breatunn a’ deanamh ullachaidh air son tuilleadh airm a chur am mach mur tig atharrachadh air cùisean an ùine ghoirid. Tha Riaghladh New Zealand a’ tairgse reiseimid eile chur air falbh, agus tha daoine ann an Canada dhe’n bharail gu’m bu chòir do’n dùthaich so an ni ceudna dheanamh. Cha’n eil teagamh nach eil na saighdearan Canadach anabarrach freagarrach air Africa mu Dheas; rinn na tri reiseimidean dhiubh a dh’fhalbh toiseach na bliadhna so obair mhath, agus tha e cinnteach gu’m biodh an riaghladh Breatunnach gle dheònach, ma leanas an cogadh, reiseimid eile dhiubh a dhol a null, ma chi Canada iomcbuidb an tairgse thobhairt. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. Gibhtean Nollaig Gu de b’ fhearr le do chairdean na do dhealbh fhein air a deagh tharruinn? An aite bhi sarachadh t’ inntinn a’ smaoineachadh gu de chuireas tu g’ an ionnsuidh mar ghibht, theirig do’n t-seomar dhealbh aig Kelly & Dodge, agus faigh dusan dhealbh. Tairnidh iad dealbhan air an latha no air an oidhche, latha soilleir no latha dorcha. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son sar obair mhath. Kelly & Dodge, Dealbhadairean, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. [TD 206] [Vol. 9. No. 26. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 203.) “Agus nach eil tòrr mor connaidh a muigh aig ceann an taighe?” ars esan; “cuidich thu fhéin.” “Tha,” arsa mise, “’s gun maide dheth air a ghearradh no air a sgoltadh. Feumaidh tu stobh a’s motha na ’m fear so a cheannach ma tha ’n connadh ri bhi air a losgadh mar sid.” “Ma ta,” ars esan, “cha bu mhor an obair dhut fhéin làn an stobh dheth a ghearradh. ’S iomadh uair a rinn Anna sin ’nuair a bhithinnsa trang.” “An iomadh, gu dearbh?” arsa mise. “Bhiodh Domhull a’ gearradh a chonnaidh dhòmhsa.” Ghearr e an connadh, agus nuair a bha e dol a mach dh’ an phàirc-fheòir, thuirt e rium nach robh esan ri thoirt dhachaidh o ’obair uair sam bith tuilleadh ach nuair a bhiodh an biadh deiseil. “Gle cheart,” arsa mise. An ath latha bha chuis air an aon doigh; cha robh bior connaidh gearrte. Arsa mise rium fhein, “Cha’n eil Màiri agad fhathast, a bhodaich. Ionnsaichidh mise cleas no dha eile dhut.” ’Nuair a thainig àm na dinnearach sheid mi an dùdach, agus thainig an t-seachdnar dhaoine ’s shuidh iad timchioll a bhùird. Cha’n fhaca tu seachdnar dhaoine riamh air an robh leithid de dh’ ioghnadh ’sa bh’orra-san. Bha ’n t-aran na thaois, ’s am buntata ’s an fheòil ’s gach mi eile air an nigheadh gu glan ’s air an cur air a’ bhord dearg amh. Cha robh ni air a bhruich. Dh’ fhàs aodann Chalum cho gruamach dubh ri neul tairneanaich. “Gu de ’s ciall da so?” ars esan. “Is ciall da an ni is ciall da,” arsa mise. “Thuirt thu rium an dé gun eigheach dhachaidh ort ach nuair a bhiodh am biadh deiseil, agus rinn mi sin. Tha ’m biadh deiseil mu do choinneamh.” “Tha,” ars esan, “agus ann an deagh uidheam; a h-uile greim dheth cho amh ’sa ghabhas e bhith.” “Cha ghabh biadh bruich gun chonnadh,” arsa mise. An sin dh’éirich an t-seachdnar aca o’n bhòrd, thug iad an torr connaidh orra, agus cha do lasaich iad gus an robh am maide mu dheireadh dheth air a ghearradh ’s air a sgoltadh cho meanbh ’s a dh’ iarrainn. Cha robh an còrr dragha agam a thaobh connaidh. Mios no dha an deigh so bha beagan airgid a dhith orm. Bha mi air son Seonaidh agus Morag a chur dh’ an sgoil, agus chuir mi romham nach rachadh iad innte gun a bhi air an deagh chòmhdach. Dh’ iarr mi an t-airgead air Calum uair us uair, ach cha robh uair a dh’ iarrainn e nach biodh leisgeul air choireigin aige air son a chumail uam. Thug mi mo cheart aire nach innsinn dha gu de bha mi dol a cheannach leis. Ach aon latha thainig marsanta dh’ionnsuidh an taighe a cheannach uidhean us ime. Bha roinn mhath dhe ’n da chuid a stigh, a bha Calum a’ cur mu seach gus a thoirt leis dh’an bhaile ’nuair a gheibheadh e as a chabhaig. Reic mi a h-uile punnd dhe’n im ’s gach aon dhe na h-uidhean ris a cheannaiche, agus fhuair mi faisg air coig dolair fhichead orra. Nuair a thainig Calum dhachaidh, dh’ innis mi dha gu’n do reic mi an t-im ’s na h-uidhean, ’s na fhuair mi air an son. “Càit an bheil an t-airgead?” ars esan. “Tha e agamsa,” arsa mise. “’S fhearr dhut a thoirt dhomhsa,” ars esan. “B’ àbhaist do dh’ Anna bhi toirt dhomh gach sgillinn airgeid a gheibheadh i air an im ’s air na h-uidhean.” “Am b’ àbhaist, gu dearbh?” arsa mise. “B’ àbhaist do Dhomhull a bhi toirt gach airgeid a gheibheadh e dhòmhsa.” Dh’ fhàs e sgith a bhi ’g innseadh dhomh ciod a b’ àbhaist do dh’ Anna bhi ’deanamh, chionn cha robh uair a bheireadh e iomradh oirre nach toirinnsa iomradh air Domhull. Chunnaic e gu robh mi cho fada ’nam bharail fhéin ’s gu’m b’ fhearr dha-leigeadh leam. ’Nuair nach toireadh e dhomh airgead nuair a bhiodh e dhith orm, reicinn rud-eigin. Aon uair reic mi da thunna feòir, ged a bha fhios gle mhath agam nach robh dh’ fheur aige ach gann na bheireadh na beothaichean troimh ’n gheamhradh. Agus nuair a thuig e nach robh eagal sam bith agam roimhe dh’ fhàs e moran na bu chialaiche ’s na bu reusonta. Thuirt mi ris o chionn ghoirid gu robh e gu bhi na dhuine tapaidh. “Tapaidh,” ars esan; “b’fhearr dhut gu mor a radh gu bheil mi ’nam amadam.” Ach tha e air a dhol gu mor am feobhas o’n fhuair mis’ e, agus tha mi lan chreidsinn gur e n’ t-ionnsachadh air fhein a rinn mi a thus air adhart e. BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXV. Air an ath mhadainn, (di-haoine an t-ochdamh latha diag de’n mhios) bhuanaich iad air an turas chum na h-airde n-iar gus an d’ rainig iad Miath-Poll aig criochan dhùthaich Loch-Iall far an d’ fhuair iad gabhail riu gu suilbhear furmailteach. Cha robh nis ach frith-rathad anns an astar a bha rompa agus thainig orr’ an cuid each fhàgail ann an Gleann-Peighinn, agus triall da ’n cois, thainig iad ma fheasgar gu àite do’n gairte na h-Obun, faisg air ceann shuas Loch-Mòr thir, agus chur iad an òidhche sin seachad ann am bothan-chaorach m’a iomal na coille. Air an lathairne-mhàireach (Di-dòmhnaich an fhicheadamh latha de mhios dheireannach an Earraich,) ghabh iad thar a’ gharbhlaich agus thàmh iad an òidhche sin ann an Gleann-Biasdail ma chriochan Arasaig, baile beag a tha fagus do’n àit’ anns an tàinig am Prionns’ air tìr ’nuair ’thainig e’n tùs do dh’ Alba. Mun d’fhag Tearlach am baile so thainig Tighearn’ òg Chlann-Raonaill agus feaghainn eile dheth a chàirdean g’a amharc, agus dh’ innis iad dha gu ’n robh mòran de luingeis Sasunnach air freiceadan anns a chuan a Siar, air an aobhar sin nach b’ion da sùil a bhi aige ri faotainn do ’n Fhràing, gus a fàgadh iad sin an linne; iar do Thearlach an naigheachd sin a chluinntinn, stad e greis ann an ioma-chomhairl’, fa-dheoigh thuirt e gu ’n robh e togairt a dhol do ’n Eilean-Sgiathanach, agus e-féin a thilgeadh fo mheachainn Shiol-Leòid. Thuirt Tighearna Chlainn-Raonaill gum bu tearainte dha fan- Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine.—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. Bras d’Or Steamboat Co., Ltd. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an S. S. “MARION” BADDECK maduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury. MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni. SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck, Mulgrave agus Hawkesbury. Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows, agus St. Peters. FAGAIDH AN S. S. “ELAINE” SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah. HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aig Big Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaire agus na Narrows Bheaga. J. J. MOFFATT, Manager. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 207] [Vol. 9. No. 26. p. 7] tainn far an robh e, agus gu’n deanta seòl air bothan falaich a dheanamh dha ann an àite diamhair ’san aonach, far am faodadh e còmhnaidh ghabhail gu tearuinnte, gus am faighte urra chinnteach a rachadh do Leòghas a cheannach saigheich anns am fàradh e seòladh ás an rìoghachd. Thuirt am Prionns’ nach robh e idir air son fantainn na b’ fhaid’ air mòr-thìr, gu’m b’ annsa leis e-féin a chleth a measg nan eilean. Ma’n àm sin bha duine da’m b’ ainm Dòmhnull Mac-Leòid a mhuinntir Ghualtair-Cill ’san Eilean-Sgiathanach, an deigh thighinn do Cheann-Loch-Mùideart le sùim àirgeid a chuir long Fhràngach air tìr ann am Barra gu féum a’ Phrionnsa féin, agus a thaobh gun robh Mac-Leòid na dheagh mharaiche agus eòlach air feagh nan eilean, araon air muir a’s tìr, mheasadh gum biodh e na bhrod fhir-iùil chum am Prionns a threòrachadh gu ionad falaich, na ’m b’e is gu ’n gabhadh e os-laimh sin a dheanamh. Gun tuilleadh ùine ’chall, chaidh fios a chuir do cheann-Loch-Mùideart a dh-ionnsaidh Mhic-Leòid, a thriall an còdhail a’ Phrionnsa cho luath sa’ labhair an teachdair’ a’ chiad fhacal; air dha bhi gabhail tro Ghleann-Biasdail, chunnaic e coltas coigrich a’ tighinn na dhail, mar gum biodh e air son labhairt ris, ’nuair a dhlùthaich iad le chéle gu àite còmhraidh, labhair am falbhanach ri Mac-Leòid mar so:—“An tusa Dòmhnull Mac-Leòid a Gualtar-Cill.” Ged a bha ’m Prionns’ ann an trusgan suarach, dh’aithnich Mac-Leòid air ball co e, agus fhreagair e:—“’S mi le’ cead ar Mòrachd rioghail an dearbh dhuine.” Labhair am Prionnsa rithist mar so:—“Tha thu faicinn a Dhòmhnuill gu ’m beil mise ’n-am éiginn, tha mi air an aobhar sin dha mo thilgeil féin ann a t’uchd, dean rium mar is àill leat. Tha mi cluinntinn gur duin’ onarach fiùghantach thu ás am faod mi earbsa.” Thuirt Mac-Leòid le guth guil na bheul gun leanadh e ris tro mhìle cunnard a’s gàbhadh cho fad sa’ b’ urrainn e gluasad. Cha tàinig Mac-Leòid riabh tharais air na briathran so gun làn silteach ’na shùilean agus reachd bròin na mhuineal. Dh-fharraid am Prionns’ de Mhac-Leòid an sin an rachadh e le litrichean bhuaithe gu Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte, agus gu Mac-Leòid Dhun-Bheagain, a dh’ fheuch an nochdadh iad a bheag de chaoimhneas ris na airc; thuirt Dòmhnull Mac-Leòid, gur h-e nach rachadh, gun robh na daoin’ uaisle sin sa’ cheart àm an dlù thoir air a chum fhaotainn an laimh, agus gu’n robh pàirt dheth an cuid daoin cho fagus ri dà mhìle dhiag do’n dearbh bhall dheth an talamh air an robh e na sheasamh. Dh’ fharraid e ’n sin do Dhòmhnull an rachadh e leis rathad an Eilein-Fhada far an robh e saoilsinn am biodh e na bu shàbhailte na fanntuinn air tir mor. Thuirt Mac-Leòid mar thubhairt e roimhe gu ’n deanadh e gach ni a b’ urrainn e air a shon. Air a cheathramh latha fichead de ’n mhìos, chaidh ochd-ramhach a chur Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAL A STIGH AGUS FAIC. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadhna. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. TIM CHLAR SAMHRAIDH. Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:— [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG VICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.15 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9.15 a. m., 4 p. m. TURSAN FEASGAIR. [Clàr-ama] A’ TAGHAL AIG AN INTERNATIONAL PIER. Aon ticket, 10c; 25, $2.00; 50, $3.50; 100, $6.00. J. A. YOUNG, Manager. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL, OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh Eaglais St. Andrew’s, air Sraid Phitt. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPIOSRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & GLAINE LEAC. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 208] [Vol. 9. No. 26. p. 8] na h-uidheam aig ceann Loch-nan-Uamh le làn sgioba, a chum am Prionns’ aiseag do dh’ Uidhist, agus sheòl e-féin a’s Dòmhnull Mac-Leòid, O’Suilibhan, O’Neill, agus am Burcach ma chiaradh na h-òidhche; bha ’n t-shide man àm an deach iad fa-sgaoil rudeiginn doirbh. Ged a bha Dòmhnull Mac-Leòid na leth sheann duine bha e na dheagh mharaich’ agus shuidh e air an àilm, agus shuidh am Prionnsa sios eadar a dha chois a chum is nach faict’ e, gus am fasadh an òidhche na bu doilleire, cha deach iad ach tacan bho thìr ’nuair a ghabh Mac-Leòid beachd air na neòil, thuirt e ris a’ Phrionns’ gu ’n robh choltas air an òidhche bhi fiadhaich, agus gu ’m b’fhearr dhaibh fantainn air sgàth an fhearainn gus an ath-fheasgar. Thuirt Tearlach air meud a chunnairt agus an dosgainn da fuiligeadh e gu’m b’ fhearr leis an cuan a ghabhail na fuireach n’a b’ fhade far an robh e ’n cunnairt a bhi air a chuartachadh le luchd tòireachd. Mar sin chum iad oirre, agus thachair dìreach mar thubhairt Mac-Leòid; thog na tonnan gàireach, cairgheal, an cinn le bairlinn bhristeach, a’s ged a bha Dòmhnull tric a’s mìnig a gabhail na linne eadar na h-eileanan a’s mòr-thìr, cha robh e òidhche no latha riabh air. Chuan-sgìth cho stoirmeil rithe so, ’s an oidhche cho dòrcha is nach robh fios aig duine dheth an sgioba c’àit’ an robh iad, no ciod an t-eirthir a bha fo sròin. Bha iad air uairean fo eagal gun rachadh am bàta tharais, air uairean eile gun tuiteadh iad air cladach an Eilein Sgiathanaich far a biodh iad gu léir ann an làimh. Ma shoillearachd an latha dh’aithnich iad gun robh iad air eirthir an Eilein-fhada. Ghiùlain an stoirm iad ma thri fichead mìle dh’ uidhe, ann an ùine dheich uairean. Chaidh iad air tìr ann an Rosinnis an Uidhist a chinne-deas, agus air dhaibh am bàta thàrruinn, ghlac iad bò, ghrad spad iad i agus dheasaich iad pàirt dheth a feòil, bha prais ac’ anns a bhàta agus ceitheir peiceanan de mhin choirce. Chuir Diùc Uilleam a nise feachd air feadh fearain nam fineachan a dh’ éirich leis a’ Phrionnsa a’ chum na daoine ghlacadh agus an cuid armachd a thoirt uapa. Chaidh gach slighe ioma-dhruideadh a chum ’s nach tàradh na cinn-feadhna an rìoghachd fhàgail. Bha na trùpairean aig an Diùc a freiceadan air taobh sear na h-Alba, agus bha mailisi a freiceadan na dìridh eadar machair a’s Ghàidhealtachd. Thog Mac-Coinnich, Mac-Dhòmhnuill, agus Mac-Leòid, an cuid daoine, chum fògaraich a chumail á eileanan Innse-Gall. Bha na Rothaich, Clann-Aoidh agus na Cataich mar fhreiceadan air an taobh-tuath agus Caim-beulaich Earra-Ghàel a freiceadan an taobh-deas. Bha luingeas Sasunnach a cuartachadh cuan Alba air gach taobh, air chor is gum bu deacair do dhuine dheth na fògaraich bhochda teicheadh air falbh, air chor is gun deach gach prìosan tuath air Port-na-Bannrigh a’ lionadh de dhaoine Thearlaich ann an ùin cheithir latha diag an deigh Blàr Chuil-Fhodair. B’ iad na ciad dhaoin uaisl’ a’ ghlacadh Morair Bhaile-morina, Iarla Chrompa agus Iarla Chill-Màrnoc; chaidh an triùir mhathaibh so a chuir ann an long-chogaidh nam Priosanaich gu ruige Tùr Lunnainn. Mu ’n cheart àm sin ghlacadh Sir Seumas Ceannloch, Corneileir Gearr Ghreadainn, agus cùignear eile dheth na h-uaislean machrach, a chaidh a ghnàthadh air an t-sheòl chianda. Theich Diùc-Abhall gu Deas agus a thaobh e bhi ann an droch shlàinte b’ eiginn da a dhol a dh’ iarraidh fàrdaich gu taigh Mr Buchannain, Dhruim-na-Cille fagus do Loch Loamainn; bha bean an taighe sin dìleas da, uime sin bha e’n dòchas gu ’n nochdadh an teaghlach caoimhneas dà na airc. Bha fear Dhruim-na-Cille na oifigeach ann an àrm an Rìgh agus chunnaic e mar fhéich air féin an Diùc còir a ghlacadh, agus air an dara latha fichead de mhìos deireannach an Earraich chaidh a’ ghiùlan mar phrìosanach gu caisteal Dhun-Breatainn, agus ás a sin gu Leibhte agus á Leibhte gu Tùr Lunnainn. Bha Fear Dhruim-na-Cille an deighe sin air a mheas na leibidean cho suarach ’s nach òladh duine dheth na h-uaislean a bha ’na nabachd stòp no cairteal na chòmpanas, ni mò chìte duine b’ fhiach na chuideachda, eadhoin air druim an rathaid mhòir! AODAICHEAN DEANTA COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. GIBHTEAN NOLLAIG. Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets, Lockets, Dressing Cases, Bataichean le cinn oir. ANNS AN STOR AIG—K. BEZANSON. CURRAICHDEAN GEAMHRAIDH Tha sinn a’ creic Curraichdean Geamhraidh anns gach fasan, ur agus abhaisteach, air an deanamh de gach seorsa aodaich agus Corduroy. Do Ghillean do Dhaoine ’s do Chloinn. Tha stoc math de dheagh Lamhannan Geamhraidh direach air tigh’nn a stigh. H. H. MAGEE. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr [TD 209] [Vol. 9. No. 27-28. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 11, 1901. No. 27-28. Sgeul air Gaol ’us Gaisge (Air a leantuinn.) IS duilich ’innseadh ach is furasda ’thoirt fo mheamna mar a ghabh cach ri treubhantas Arsacius. Iorgail agus buaireas, garbhuaic agus tabaid, cha teid cainnt a chuir a’ chuis. A h-uile fear agus a bheul fosgailte mur gu ’m b’ ann a’ stri co a bu mhò guth na a cheile. Ghabh Licinius an staidhir, a bha ’na cheann do ’n rathad uaigneach aige fein do ’n luchairt. Dh’ fhan Bassus ùine ghoirid ’na dheigh, agus chunnacas e gu h-ard air an righ-chaithir anns a’ ghrianan a’ cuir nan car dheth, braoisg agus spluig air, a’ chorruich fein ’ga bhacadh a’ cuir neul ’na chainnt ’ga fhagail liodach, manntach agus a leithid sin de straoighlich air cach agus nach cualas le fear no fear an robh dad aige ’ga radh, no idir ciod a bha air no uaith. Seal beag da air an t-seol sin, agus thug e cul, agus ghabh sios an staighir, dalta Licinius. Cha ’n ’eil fhios o’n talamh an deach na Criosduidhean eile a’ chuir gu bàs, ach saoilear gu ’m bu gheal an airidh an leigeil mu sgaoil agus mar a chaidh ’iomairt orra de fhoirneart cheana fein le am priosunachadh agus an sgiursadh. Ach o nach do theirig an sgeul fathasd, iom-aineamaid leis. Iomthusa Arsacius, fhuair e a h-uile chothrom do ’n mhnaoi oig gus an d’ fhuair e aite tearuinte di, ach roimh ’n chabhanaich, thainig fios an eagail le fear a bha ’na thraill anns an luchairt, duine a bha gu math mor aig Arsacius; agus dh’ fhiafraich Arsacius sgeula dheth, no ciod e fath mu ’n tainig e ann, agus thubhairt esan nach bu teic olcas, agus dh’ innis da trid sios a h-uile car mar a dh’ eirich anns an luchairt an deigh do ’n Iompaire a ruigsinn. Chaidh esan agus Bassus an ceann comhairle, agus is e thug orra e gu ’n do sgaoil an iomradh anns gach leth gu ’n robh Iompaire an aird an iar an deigh cogaidh a ghairm air Licinius, agus gu ’m b’e Byzantium (ard-bhaile Licinius) a bu mhiann leis a thoirt a mach, agus gu ’n do ghlaodhadh leis gu ’n dionadh e na Criosduidhean air an naimhdean. B’e crioch an sgeoil e gu ’n deach Licinius air deargan dearg a chothaich mar gheall air so, agus gu ’n do rinn Bassus maorach fhad ’s a bha an traigh ann le a iarraidh air an Iompaire Arsacius a’ ghlacadh ’na phriosunach, o chionn saoradh a bhi aige ’ga dheanamh air ciomach an righ gun a chuir ann an cead an righ an toiseach; thubhairt Bassus a thuilleadh air sin nach bu choir a’ chuis a’ leigeil leis na Criosduidhean eile ach an grad chuir gu bàs leis na beistean a’ leigeil an sas annta, agus Candida a chuir ann air thoiseach air cach. Bu mhath le Bassus gu ’n rachadh a toirt dasan, agus gu ’m bitheadh i (ars’ esan) toileach ’na leoir am bàs ’fhulang an deigh da bhi deas dhi; ach cha ’n aontuicheadh Licinius leis a sin ach a mhain a toirt do na leomhain. An uair a fhuair an traill ùine air a mhaighstir, thainig e os iosal gu tigh a charaid, ’ga radh ris fein nach bu ghearan leis a shaothair nam b’ urrainn da run a dheanamh air; “agus,” ars’ esan, “is e am bonn a tha agaibh ri a dheanamh a nis, ach na buinn a thoirt as, agus a h-uile cabhag a bhitheas ort, cha ’n uilear dhut e.” B’e duine gramail, foghainteach a bha ann an Arsacius, lan seol agus comhairle, agus lamh aige a bheireadh a mach an rud a dhealbhadh ’inntinn. Bu ghoirid a’ mhoill da an tigh anns an do chuir Candida seachad an oidhche a thoirt air, agus dh’ iarr e a dh’ achanaich uirre teicheadh leis gu àite eile, agus gach rud a bh’ aice ’na aghaidh sin chuir e an darna taobh e mar rud suarach. Chunnaic ise gu ’m b’e an fhirinn a bha aige agus nach robh stath dhi ’ga ràdh gu ’m b’ olc. Gus an sgeul a chuir an giorrad, chuir iad uidheam air gach ni, agus iad fein as aithne, agus ghabh iad long mu thuaiream Nicomedia, agus Màiri, a piuthar bheag, comhla riutha, o chionn gur ise a rinn an saoradh air ceann Chandida. Cha bu chlos agus cha bu tàmh daibhsan e, ach a’ reubadh cuain fad tri laithean gus an tainig iad ann am marbhan na h-oidhche gu tir fo ’n bhaile sin. Leig iad diubh an sgios mara agus an iomaguin, agus thog iad mir beag fearainn ann. Dh’ eirich Bassus air a bhreathas ain-sgeunach an uair a fhuair e am mach gu ’n do thar iad as air gun taing, gun sgeul no tuairisg orra ach mar shluigeadh an talamh iad. Chuir e forfhais os iosal c’aite am faigheadh e iad, ach bu bheag a mhath dha sin, le fheobhas agus a rinn iad an gno fein. Ach is ann a b’ fheudar da leigeil leo a nis, agus a mhalairt obair r’a dheanamh aige; bha Constantine, Iompaire an aird an ear, dluth do ’n bhaile. B’ eiginn dol a mach agus ceann a thoirt do ’n nàmhaid, agus chaidh a’ chath a chuir faisg air Hadrianople. Ach bha fear air an fhear agus am fear a bharrachd aig Constantine agus theich Licinius gu Chalcedon, far an deach cath eile a chuir. Chaidh Constantine thar an àir uair eile, agus as a sin do Licinius gu ruig Chrysopolis, agus chaidh a’ chath a chuir air a rithisd. Thar an àir do Chonstantine a rithisd, agus mar a b’ airde dasan b’ isle do ’n fhear eile. Cha do sharuicheadh an seanfhacal an uair so, “Am fear a bhios an diugh an uachdar, car mu char a nuas e maireach.” B’ eiginn do Licinius striochdadh, agus aontachadh ris na chaidh chuir fa chomhair. Thug e Thessalonica air an deigh a dhreuchd a’ leigeil dheth agus a thoirt do Chonstantine, agus thug Bassus Nicomedia air. Ghabh Constantine iompaireachd an domhain os laimh, agus chuir e stad air a gheur-leanmhuinn choidhche. Ri maireann a’ chogaidh, bhitheadh Candida a’ teagasg Arsacius agus thug i air gabhail ri Criosd. An uair a chaidh crioch air a’ chogadh, ghabh e ’na fhear-freiceadan aig uachdaran a’ bhaile, agus is gann a ruigear a leas a radh gu ’n d’ iarr e uirre gabhail ’na mnaoi aige-san. Ach sin cha deanadh i air an àm. Bha e a nis ’na Chriosduidh, ars’ ise, agus beatha ùr roimhe; cha rachadh i a chuir dragha air, an tus toiseachaidh; b’e posadh a bu lugha a bu ghann di dheanamh do ’n duine a chuir saor o bhàs agus o naire i; ach an drasd gu ’n seachnadh e a h-ath-nuadhachadh ni ’s fhaide; phosadh i e nan deanadh e foighidinn. Thubhairt e nach bu mho air agus beagan ciod a rachadh air no dheth ach gu ’n deanadh i a phòsadh agus gu ’m bu mhor an fhoighidin aige fuireach. Ach cha ghabhadh i cur bharr a ruin fhathasd; agus shuidh i a h-inntinn air i fein agus a piuthar bheag a’ bheathachadh mar a b’ fhearr a b’ urrainn di. Bu luath leatha mar a bha an aimsir a’ gabhail seachad, agus chaidh gach ni chum suaimhneis an uair a thugadh a’ chuing bharr nan Criosduidhean. Air an doigh sin di fad bliadhna an deigh di an coinneamh sgeanach sin a thoirt do ’n bhàs. Feasgar soilleir earraich agus i tighinn dachaidh, a lamh ’na cliabh falamh agus i tar eis a cuid mheasan ’us fhluirichean a reic, a piuthar bheag a’ tristrich agus a’ frith leum ri a taobh. Eagal agus iomaguin an lath a bha siud ach beag air an leigeil di. Bha i fein a’ falbh de cheum aotrom banail, agus cabhag uirre gus gnothuch an la a chuir seachad, [?] trath feasgar a chaitheamh, agus an sin aite eile a thoirt orra far an coinnicheadh iad Arsacius, a bha gus an toirt sgriob leis gus an amhainn an oidhche sin fein, agus cha bu mhath le Candida gu ’m biodh fadal air nach robh iad a’ tighinn. Bha iad an deigh sraid ’fhagail agus cearn no oiseann sraide a chuir dhiubh, an uair a chuir Mairi lamh gu h-obann air gairdean a peathar. “Feuch, ‘Dida!’” ars’ ise, agus beagan de ’n sgeon ’na cagar, “Co e sin?” Dh’ fheuch i an taobh a bha suil a peathar a’ sealltuinn. Chunnaic i an duine an sin agus e ’ga faire o thaobh thall na sraide, ach b’e an truaill de a bh’ ann dheth a bh’ ann. Bha falt agus fiasag air dol thairis air, aghaidh misgeach air, agus e gun omhail ’na ghnuis, ach fuath, iongnadh agus aingidheachd. Cha d’ aithnich ise an toiseach e, ach thainig iongantas uirre agus barrachd eagail an uair a dh’ aithnich. Bassus, Bassus a rithisd, ach e ach beag air a chuir as aithne leis an fheusaig agus luideagan agus trusdaireachd a choltais. Bha uspag bheag ’na com an uair a rug i air laimh Mairi ’ga tarruing chuice agus ’ga radh rithe, “Tiugainn, a’ chuisle, na seall air an duine sin! Greasamaid dhachaidh!” Thuit a dudam agus a dadam uirre; ar leatha gu ’n robh toiseach aig an fheasgar air ciaradh, agus gu ’n robh na neoil a’ dluthachadh uimpe, agus cha b’ iongnadh di agus na dh’ fhulaing i air a shailthaobh. Bhuail an t-eagal a rithisd i, an uair a mhothaich i gu ’n robh esan ’ga leantuinn, air a luaithead ’s ge ’n siubhladh i, agus cha robh tlachd aice fein d’a chuideachd. [TD 210] [Vol. 9. No. 27-28. p. 2] B’ fhada leatha mar a bha an tigh bhuaipe. A h-anail ’na h-uchd, an leanabh trom aice agus i gun luths ’na casan agus a cochull a cridhe leis an eagal. Is gann a b’ urrainn di cas a chuir foidhpe, ach an uair a thainig a dachaidh ’na sealladh, gheuraich i uirre fein agus ruith i. Cha b’ urrainn di riamh ’innseadh mar a rainig i an tigh, ach is e ruigsinn a rinn i fa dheireadh shiar thall, agus bu ghann uirre a chreidsinn gu ’n d’ rainig. Bhuail i asteach, dhun i an dorus ’na deigh, agus ghrad chuir i suas an crann air, agus chuir i Mairi an ard an staidhir, gus nach faiceadh i fiamh an eagail air aghaidh a peathar. Cha robh aig Mairi bhig air a’ chuis uile gu leir ach gur e feala-dha no spors a bh’ ann. Ach bha ise a nis agus an t-ana-cothrom aice; bha a namhaid gun teagamh air a toir, agus a cheart cho cinnteach ris a sin, dh’ iomaireadh e a dhroch thoil air a leannan ’na deigh, agus ciamar a nis a gheibheadh a gradh brath mar a dh’ eirich agus gu ’n seachnadh e cunnart? Suil de ’n tug i troimh an uinneig bhig a bha anns an dorus, chunnaic i am Probhaisd air aghaidh an tighe am mach, agus coinneal nimheil ’na shuilean. Ciod e a bha e a’ cuir roimhe? An deanadh e fuireach an sin gus an tigeadh i a mach? Bu chara di, co dhiubh, sanas a’ chuir a dh’ ionnsuidh a leannan, agus sgeul na dunach a leigeil ris da. Chaidh i do sheomar eile, chuir i an cliabh air an urlar, thug i as a broilleach meamhran sgriobhaidh agus peann, agus thoisich i air sgriobhadh. “Chasadh B. an diugh orm agus lean e mi gu ruig mo thigh, agus mise a’ deanamh an iuil da agus cha ’n ann do m’ dheoin. Tha faire ’ga dheanamh aige air an tigh a nis. Cha ’n fhuilear no gu ’m bheil e am brath foille dhomh. Na tigeadh thu an nochd, ma ’s fhaigheadh e brath ort mar an ceudna. Cia mar a theid sinn as air? no cia mar a dh’ fhairtlicheas sinn air?” An uair a bha an litir ud sgriobhte aice, ghlaodh i air Mairi. Bha am paisde a’ cuirneachadh a’ bhuird, agus a’ toirt am mach a’ bhidh a bu trath dhaibh, agus i gu neo-fhiosrach air cunnart. “A’ Mhairi, a’ chridhe,” ars’ ise, agus dh’ fhiach i ri a guth a’ shocrachadh, “tha spors ùr ann ri a chluich. Bi sineadh as leth an litir so gu Arsacius, ach cha ’n e dol am mach air an ard-dorus a ni thu. Bi mise ’gad fhaireadh an sin, agus feumaidh thu mo sheachnadh, agus am balla tha cul an tighe a’ streapadh. An urrainn dut an uiread sin? Is math a gheibhear thu. Teann a nis, tog ort, ach cum ’nad chuimhne gur a milleadh spors e, ma chithear leam thu, agus thoir do cheart aire dean mar a dh’ iarras Arsacius riut.” Phog i an leanabh, leis am bu gheal gach ni ùr no spors neo-abhaisteach, gu sonruichte streapadh; agus thug Mairi cul an tighe uirre, agus as gu brath leatha cho bith ri luch. (Ri leantuinn.) CLANN RUARI. BHA tri mic aig Somhairle Mór Mac Ghillebride, Dughall, Raonall, agus Aonghus. Bha da mhac aig Raonall, Dòmhnall agus Ruari. B’e Ruari gineadair agus ceud cheann-cinnidh Chlann Ruari. Fhuair Ruari bho ’athair Muideart, Arasaig, Morair, Cnoideart, eilein Bhòid, agus roinn de Chinntire. Thug e creachan a tri bailtean an Eirinn an 1212. A bhliadhna an déidh so chaidh e do dh-Eirinn agus thug e leis a cuid de na h-eaglaisean a h-uile ni de ’m b’ urrainn e feum a dheanamh. Thug na Stiubhartaich bhuaith eilein Bhòid mu ’n bhliadhna 1260. Bha e mar sin na ’namhaid do na Stiubhartaich. Chog e gu dileas fo righ Haco aig Blar na Lairge an 1263. Dh’ eug e mu ’n bhliadhna 1270. Bha da mhac aige, Ailein agus Dùghall. Thàinig Ailein a staigh an àit ’athar. Bha mac aig Dùghall do ’m b’ ainm Donnachadh. Bha da mhac aig Donnachadh, Fearchair agus Donnachadh Og. Bha tri mic dhiolain aig Ailein mac Ruari, Ruari, Ailein, agus Lachainn. Bha aon nighean aige, Cairistìne no Ciorstaidh, ri a mhnaoi. Thàinig Ruari a staigh an àit ’athar mar cheann-cinnidh, ach cha d’ fhuair e seilbh air an fhearann. Thug an lagha oighreachd a h-athar, do Chiorstaidh. Bha mac aig Ailein ris an abairteadh Raonall Fionn, agus bha mac aig Raonall Fionn do ’m b’ ainm Tómas. Phos Domhnall, Iarla Mhàr, Ciorstaidh Nic-Ruari, agus bha triuir chloinne aige rithe, Gartnaidh, Iseabal, agus Màiri. Phòs am Brusach Iseabal, agus bha aon nighean aige rithe, Mairsili, a bha pòsda ri Bhaltair Stiubhart. Phos Coinneach Sutharlan, Iarla Chataoibh, Màiri. Thug Ciorstaidh Nic-Ruari, ban-Iarla Mhàr, thairis do ’n Bhrusach air son a brathar, Ruari, na fearainn a leanas: cuid de Mhuideart, cuid do dh-Arasaig, Eige ’s Rùm, cuid do dh-Uidhist a Chinn-a-deas, Barra, agus na Hearradh. Thug am Brusach coir do Ruari air na fearainn so, agus bu mhath a b’ fhiach dha sin. Bha Ruari anabarrach dileas dha. Bha e air fear de na h-Eileinich a chuidich leis, aig blar Allt-a-Bhonnaich, gu saors’ a chosnadh do dh-Albainn. Bha triuir chloinne aig Ruari, Raonall, Ailein agus Amaidh. Anns a bhliadhna 1342 thug Daibhidh Brus còir do Raonall Mac-Ruari air beagan de dh-fhearainn an Cinn-tàile. An 1343 thug e dha còir air Uidhist, Barra, Rùm, Muideart, Morair, Arasaig, agus Cnòideart. Chaidh Ruari a mhort aig Peirt le Uilleam Ros, Iarla Rois, an 1346. Thàinig Ailein a bhrathair a staigh na ’aite. Chaochail Ailein gun mhac, gun nighinn, a gheibheadh a chuid fearainn. Bhuineadh oighreachd Chlann-Ruari a nis do dh-Amaidh, piuthar Raonaill is Ailein. Phòs Iain nan Eileinean Amaidh Nic-Ruari, agus b’e deireadh na cùise gu ’n d’ fhuair e fearann a h-athar leatha. Cleas Chaluim a Ghlinne bha roinn mhath de ghaol a bhith mor ann an Iain. Bha e-fhein is Amaidh càirdeach agus ghabh e air gu ’n robh a chogais ga ’bhuaradh gu h-olc air son i a bhith aige mar mhnaoi. Chuir e bhuaith i agus phòs e Mairearad, nighean Roib Stiubhart, oighre Dhaibhidh Bhruis. Thàinig Rob gu bhith na ’Righ an 1370. Bha Iain a nis air a dhoigh, oir b’ urrainn e ’athair ceile a radh ris an rìgh. B’e Iain nan Eileinean mac Aonghuis Oig mhic Dhomhnaill mhic Raonaill. B’e Amaidh Nic-Ruari nighean Ruari mhic Ailein mhic Ruari mhic Raonaill. B’e Mairearad Stiubhart nighean Roib Stiubhart, mac Mairsili Bhrus, nighean Chiorstaidh Nic Ruari, nighean Ailein mhic Ruari, mac Ruari mhic Raonaill. Tha e air innse dhuinn ann an sean leabhar eachdraidh gu ’n do chomhairlich Mac-Aonghuis Aird-ghobhar do dh-Iain nan Eileinean Amaidh Nic-Ruari a chur bhuaith, gu ’n robh naimhdeas aig Amaidh do Mhac-Aonghuis, agus gu ’n robh i na ’meadhon air Dòmhnall Mac-Gilleain a chur do dh-Aird-ghobhar a mharbhadh Mhic-Aonghuis is choig mic, agus a ghlacadh a chuid fearainn dha fhéin. Cha ’n fheil ann san naidheachd so ach na dearg bhreugan. Phòs Iain nan Eileinean Amaidh Nic-Ruari mu ’n bhliadhna 1337, agus bha nighean aige rithe do ’m b’ ainm Màiri. Chuir e Amaidh bhuaith mu ’n bhliadhna 1358, agus phòs e Mairearad Stiubhart. Phos Lachainn Lùbanach, triath Dhubhairt agus ceann-cinnidh Chloinn Ghilleain, Mairi, nighean Iain nan Eileinean agus Amaidh Nic-Ruari, anns a bhliadhna 1366. B’e Eachann Ruadh nan Cath mac Lachainn Lùbanaich agus Mairi. Thuit Eachann Ruadh am blàr Harla, an 1411. Rugadh Lachainn Bronnach mac Eachainn Ruaidh nan Cath mu ’n bhliadhna 1393. Rugadh Dòmhnall mac Lachainn Bhronnaich mu ’n bhliadhna 1413. So an Dòmhnall a chaidh do dh-Aird-ghobhar ’s a chuir as do Mhac-Aonghuis. A nis is ann mu ’n bhliadhna 1432 a ghabh e seilbh air Aird-ghobhar. B’e Domhnall mac Lachainn Bhronnaich, mac Eachainn Ruaidh, mac Mairi, nighean Amaidh. B’ i Amaidh mar so mathair a sheanamhair. Tha e soilleir mar so, ma ’s i Amaidh a chuir an ceann Dhomhnaill a dhol do dh-Aird-ghobhar a mharbhadh dhaoine, nach robh Dòmhnall Bàn a Bhòcain riamh na b’ eolaiche air spioradan na bha Dòmhnall Aird-ghobhar. ’S e Alasdair Mac-Dhòmhnaill, ogha Iain nan Eileinean, a thuirt ri Domhnall mac Lachainn Bhronnaich ma bha e ’g iarraidh fearainn e dhol do dh-Aird-ghobhar. Tha moran de nithibh matha ann an sean eachdraidhean, ach tha moran de sgeulachdan gun bhonn annta. Bliadhna math ùr do luchd-leughaidh MHIC-TALLA. A. M. S. Latha na bliadhn’ ùire, 1901. LITIR A CEAP NOR. Is i an oidhche nochd an oidhche mu dheireadh dheth ’n bhliadhna so. Is i mar an ceudna an oidhche mu dheireadh dheth an naoidheamh ceud deug bliadhna o theachd ar Slanaighear a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so air ar son. ’Nuair ghabhas sinn beachd air a chunntas a tha na paipeirean-naidheachd a’ toirt dhuinn mu thimchioll gach adhartas a thainig air an t-saoghal re a cheud bliadhna (century) a tha nis a’ criochnachadh, buinidh dhuinn a radh le cridheachan taingeil agus iriosail:—“Cionnas a tha ’n Tighearna air a bhi ’g oibreachadh.” Tha cuid de shochairean aig sluagh cumanta an t-saoghail a nis, nach robh eadhon aig righrean anns na linntean a dh’ fhalbh, agus mu theannas sinn ri ’n toirt fainear, tha iad ni’s lionmhoire na gu ’n urrainn sinn an aireamh. Nach mor an luathas leis am bheil e comasach do dhaoine dol thairis air tir no cuan a nis, seach mar b’urrainn air sinnsearan a dheanamh ’n an la fein? Nach aithghearr a gheibhear fios ach gu beag as gach cearna dheth ’n t-saoghal ’s an la sam bheil sinn beo? Cha ’n e sin a mhain ach labhraidh daoine ri ’cheile troimhe an telephone ged bhiodh iad astar ro mhor o cheile. Ach ciod am math dhomhsa teannadh ri luaidh a dheanamh ann an litir bhig mar so, air gach innleachd iongantaich a fhuair daoine mach re a cheud bliadhna tha nis a’ criochnachadh, ’n uair tha mi cinnteach gu’n gabhadh e bliadhna iomlan dheth ’n MHAC-TALLA gu mion chunntas a thoirt mu’n timchioll gu leir. Tha ’n geamhradh air tighinn oirnn ’s an aite so da rireadh; ach ged nach robh moran reodhaidh [TD 211] [Vol. 9. No. 27-28. p. 3] againn fathast, tha mu dha throidh sneachda air an talamh. Ged bha ’n co-thional so air a threigsinn cho ro sgiobalta leis an Urr. Lachainn Beutan, mu thoiseach a mhios s’a chaidh, cha deachaidh air fagail dhuinn fein cho fada ’s a b’ eagal leinn aig an am. Air an dara la fichead de’n mhios so, thainig an t-Urr. Iain D. MacPharlain a ghabhail àite. Tha sinn toilichte ’bhi faicinn gu bheil araon Mr. MacPharlan agus a’ mhnaoi a’ faotainn fior dheadh chliu o’n chomhthional anns an robh iad air a bhi saoithreachadh o chionn sheachd bliadhna. Mar sin bidh sinn ag amharc a mach air son sith agus soirbheachadh re na h-uine dh’ fhaodas an Tighearna dheoinachadh mar aodhaire do’n chomhthional so. Faodaidh mi radh ann an so, ged nach robh sinn idir toilichte Mr. Beutan a dhol a dhealachadh ruinn cho luath, agus mar shaoil sinne, air bheag aobhar, gu ’n robh e fein agus an comhthional gle riaraichte le ’cheile re na h-uine bha e saoithreachadh ’n ar measg, agus ’s e ar dochas gur amhuil a bhios e fein agus an comhthional a dh’ ionnsuidh am bheil e nis air a dhol. Ann an criochnachadh na litir so ceadaichear dhomh beagan fhacal a sgriobhadh a thaobh luchd-feich MHIC-TALLA. Tha cuimhne agam air beagan dheth na thuirt MAC-TALLA mu thimchioll cuid dhiubh sin o chionn ghoirid—mar a lubadh iad an gluintean ann au urnuigh an am dol a laidhe, &c. ’S i mo bharail nach faigh urnuighean an t-seorsa eisdeachd idir. Nach ’eil an fhirinn ag innse dhuinn ma bheir sinn speis do ’n olc ’n ar cridhe nach eisd an Tighearna ri ar n-nrnuigh, agus mur ni olc a bhi ’cumail a chuid fein o MHAC-TALLA, cha ’n ’eil fios agam ciod e olc no peacadh. M. D. Ceap Nor, Des. 31, 1900. SGEULACHDAN ARABIANACH. Beder, Prionnsa Phersia. CAIB. XVI Thug Beder taing agus buidheachas do dh’ Abdallah ann am briathran cho freagarach agus cho durachdach ’sa b’ aithne dha air son gach oidhirp a thug e air a dhion o chumhachd na ban-draoidh. Agus an deigh dhaibh an tuilleadh comhraidh a bhith eatorra, thill Beder air ais do ’n luchairt. An uair a rainig e, thuig e gu ’n robh a’ bhanrigh ’g a fheitheamh anns a’ gharadh agus i ’gabhail fadachd gu leor. Ghabh e direach far an robh i, agus cha bu luaithe thug i an aire dha na choisich i le cabhaig ’na choinneamh. “Mo Bheder gaoil,” ars’ ise, “tha e air a radh agus sin le firinn, nach ’eil rud sam bith a nochdas meud agus neart a’ ghaoil cho mor ri dithis a th’ ann an gaol a bhith car uine air an cumail o cheile. Cha robh fois aig m’ inntinn o ’n a dh’ fhalbh thu, agus saoilidh mi gu ’m bheil bliadhnachan ann. Na ’n robh thu air a bhith beagan na b’ fhaide gun tilleadh, bha mi air falbh g’ ad iarraidh.” “A bhaintighearna,” arsa Beder, “faodaidh sibh mo chreidsinn an uair a their mi gu ’n robh mi ’gabhail fadachd gu leor gus am faighinn tilleadh. Ach cha b’ urrainn domh faighinn air falbh o bhrathair m’ athar. Tha gradh mor aige dhomh, agus bu ghoirid leis an uine a chuir mi seachad ’na chuideachd, o’n a bha e uine mhath gun m’ fhaicinn. Bu mhiann leis mo chumail na b’ fhaide, ach sgar mi mi-fhin uaithe gus tighinn far an robh an gaol ’ga m’ tharuinn. Dheasaich e biadh dhomh, ach o nach d’ fhuair mi uine gus a ghabhail thug mi leam e, agus bu mhiann leam gu ’n gabhadh sibh rud dheth.” Bha ’m bonnach air a phasgadh aig Beder ann an neapiginn gu grinn, agus an uair a thug e mach e, thuirt e rithe, “Tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n gabh sibh e.” “Gabhaidh mi e le m’ uile chridhe,” ars’ a’ bhanrigh ’s i ’breith air as a laimh, “agus ithidh mi e gu toileach air do sgath fhein, agus air sgath bhrathar d’ athar. Ach mu ’m blais mi air, bu mhiann leam gu ’n itheadh tusa rud dhe ’n bhonnach so a rinn mi fhad ’s a bha thu air falbh.” “A bhanrigh mhaiseach,” arsa Beder, agus e gabhail a’ bhonnaich gu toileach as a laimh, “cha tig rud sam bith a do lamhan ach rud math; agus is gann a theid agam air mo thaingealachd a chur an geill dhuibh air son an fhabhair a tha sibh a’ deanamh rium.” Chuir Beder gu gleusda am bonnach a thug a’ bhanrigh dha ann an aite a’ bhonnaich a thug Abdallah dha; agus an uair a bhrist e rud dhe ’n bhonnach a thug Abdallah dha, dh’ ith e m’ a coinneamh e. Agus an uair a bha e ’g a itheadh, thuirt e, “Ah ! ’bhanrigh, cha do bhlais mi air aran riamh cho blasda ris.” Thachair gu ’n robh iad aig taobh an t-sruthain anns an am, agus an uair a chunnaic i gu ’n do shluig e an greim a bha ’na bheul, thog i lan a boise dhe ’n uisge, agus an uair a thilg i air Beder an clar an aodain e, thuirt i, “A chreutair thruaillidh! na bi na ’s fhaide ’nad dhuine, ach bi ann an cruth seann eich, agus bi dall agus crubach.” An uair a chunnaic a’ bhan-draoidh nach robh buaidh sam bith aig na briathran a labhair i air Beder, agus nach d’ rinn e ach clisgeadh le eagal, dh’ fhas a h-aodann dearg, agus thuirt i, “A Bheder ghaoil, na biodh eagal sam bith ort, cha ’n eirich beud dhut. Cha robh mhiann orm cron sam bith a dheanamh ort; cha robh mi ach feuch ciod a theireadh tu. Bu mhi am boirionnach cho truagh ’s cho truaillidh ’s a tha beo na ’n tugainn oidhirp sam bith air do chur ’na leithid sid de riochd, cha ’n ann a mhain an deigh nam mionnan a thug mi, ach mar an ceudna an deigh a liuthad comharradh a nochd mi air mo ghradh dhut.” “A bhanrigh chumhachadh,” arsa Beder, “ged a tha fhios is cinnt agam gur ann ri feala-dha a bha sibh, gidheadh ghabh mi clisgeadh an uair a chuala mi sibh ag ordachadh mi bhith air mo chur an riochd ainmhidh. Ach na abramaid an corr m’ a dheidhinn. Agus o ’n a dh’ ith mise rud dhe ’n aran a thug sibhse dhomh, bu mhiann leam gu ’n itheadh sibh a nis rud dhe ’n aran a thug mise dhuibh.” Bha fhios aig a’ bhanrigh nach robh doigh aice air a h-earbsa ann am Beder a nochdadh na b’ fhearr na rud dhe ’n aran itheadh, agus anns a’ mhionaid bhrist i rud dhe ’n aran, agus dh’ ith i e. Cha luaithe dh’ ith i e na thainig trioblaid oirre, agus cha b’ urrainn i gluasad as a’ bhad anns an robh i. Gun dail sam bith thilg Beder lan a bhoise dhe ’n uisge oirre ann ag clar an aodain, agus thuirt e, “A bhan-draoidh ghraineil, na bi na ’s fhaide ’na d’ bhoirionnach, ach bi anns a’ mhionaid ann an riochd capuill.” Ann am priobadh na sul bha banrigh Labi ann an riochd capuill cho briagha ’s a chunnaic duine riamh. Agus bha i air a cur cho mor bhar a siuil leis mar a thachair dhith ’s gu ’n do thoisich i ri sileadh nan dear gu frasach, rud nach d’ rinn capull riamh roimhe. Chrom i a ceann thun an lair air beulaobh Bheder, a’ smaointean gu ’n gabhadh e truas dhith; ach ged a bhiodh truas aige rithe, cha robh e ’na chomas cuideachadh sam bith a dheanamh leatha. Thug e leis i do ’n stabuill, agus thug e do ’n ghille-stabuill i gus srian a chur ’na ceann, ach cha robh srian anns an stabull a fhreagradh oirre. Thug so air da each fhaotainn deiseil, each dha fhein agus each eile do ’n ghille-stabuill, agus dh’ fhalbh iad le cheile leatha far an robh Abdallah. An uair a chunnaic Abdallah Beder a tighinn leis a chapull, thuig e gu ’n d’ rinn e mar a chomhairlich e dha. “A bhan-draoidh mhollaichte,” ars’ esan ris fhein, agus e gle aoibhneach, “air a’ cheann mu dheireadh fhuair thusa diol-thuarasdal dligheach air son an uilc a bha thu ’deanamh.” Thainig Beder bhar muin an eich aig dorus Abdallah, agus chaidh e steach do ’n bhuthaidh. Chuir e failte chridheil air, agus thug e mile taing dha air son a liuthad gniomh math a rinn e dha. Dh’ innis e dha a h-uile car mar a thachair, agus thuirt e ris nach robh aon srian ri fhaotainn a fhreagradh air a’ chapull. Gun dail fhuair Abdallah srian a fhreagair oirre cho math ’s a dh’ iarrteadh. Agus cho luath ’s a thill Beder an gille-stabuill air ais leis na h-eich, thuirt Abdallah, “Mo thighearna, cha ’n ’eil aobhar dhut fuireach na ’s fhaide anns a’ bhaile. Theirig air muin a’ chapuill, agus marcaich air ais do do rioghachd fhein. Tha aon chomhairle agam ri thoirt ort, agus is e sin, ged a thigeadh ort dealachadh ris a’ chapull, nach dealaich thu gu brath ris an t-srein.” Gheall Beder gu ’n deanadh e mar a chomhairlich Abdallah dha; agus an uair a ghabh e a chead dhe ’n t-seann duine choir, dh’ fhalbh e. Cha bu luaithe chaidh righ Phersia am mach as a’ bhaile na thoisich e ri smaoineachadh air cho fortanach ’s a bha e an uair a fhuair e sabhailte air falbh o chumhachd na ban-draoidh, an deigh a’ chunnairt anns an robh e gu ’n cuireadh i ann an riochd ainmhidh e. An ceann tri latha rainig e baile mor, agus an uair a bha e aig iomall a’ bhaile thachair seann duine tlachdar ris a bha ’coiseachd do thaigh-comhnuidh a bh’ aige an taobh am muigh dhe ’n bhaile. An uair a chuir an duine stad air, thuirt e, “Mo thighearna, am faod mi ’fhaighneachd co an cearn dhe ’n t-saoghal as an d’ thainig sibh?” Stad Beder, agus dh’ innis e dha co as a thainig e. Am feadh ’s a bha iad a’ comhradh, thainig seana bhean far an robh iad, agus an uair a sheas i tiotadh agus a thug i an aire do ’n chapull, thoisich i ri osnaich gu goirt agus ri sileadh nan deur gu frasach. Sguir Beder agus an seann duine dhe ’n chomhradh a bh’ eatorra an uair a chunnaic iad an staid anns an robh an t-seana bhean, agus dh’ fheoraich Beder dhith ciod a b’ aobhar gu ’n robh i ’gul ’s a’ caoidh air an doigh ud. “Ochan! mo thighearna,” ars’ ise, “tha mi ’gul ’s a’ caoidh a chionn gu ’m bheil an capull sin a tha fodhad anabarrach coltach ris a’ chapull a bh’ aig mo mhac. Tha mi fhathast ’g a caoidh air a sgath-san. Agus theirinn gur i so a’ cheart chapull a bh’ aigesan mur b’ e gu ’m bheil fhios agam gu ’n d’ fhuair i bas. Reic rium i, tha mi ’guidhe ort, agus bheir mi dhut a lan luach air a son, agus moran taing. “Mo bhean mhath,” arsa Beder, “tha doilghios gu leor orm air do shon, ach cha ’n ’eil an capull ri bhith air a reic idir.” “Ochan! mo thighearna,” ars’ an t-seana bhean, “air son gradh Dhe na diult dhomh am fabhar a tha mi ’g iarraidh.” (Ri leantuinn.) [TD 212] [Vol. 9. No. 27-28. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IANUARAIDH 11, 1901. Bha duine stigh an la roimhe agus thuirt e nach biodh e as aonais MHIC-TALLA ged a chosgadh e tri dolair ’sa bhliadhna dha. Bha fear eile stigh aig àm eile agus gheall e gu ’n tòisicheadh e air gabhail a’ phaipeir cho luath ’sa dh’ fhàsadh e uiread ri aon de phaipearan mora Mhontreal us New York. Nach b’e fhéin am fior Ghàidheal! Gheibhear àireamh mhath de dh’ ainmeannan muinntir a phàigh anns an àireamh so. Tha sinn ag iarraidh air neach sam bith a chuireas air adhart airgead fios a chur ugainn mur faic e ’ainm am measg chàch an ùine ghoirid. Ach deanadh iadsan a chuir ugainn am pàigheadh o chionn ghoirid feitheamh gus am faic iad àireamh na seachdain s’a tighinn, oir b’ fheudar dhuinn roinn dhe na h-ainmean a chumail air ais air an turus so. Tha sinn duilich nach robh e ’n comas MHIC-TALLA a chàirdean a ruigheachd air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e air a chumail air ais le ni a chaidh cearr mu’n inneil chlo-bhualaidh nach gabhadh leasachadh air chabhaig; chum sin àireamh an 28mh latha de Dhesember gun fhalbh as an oifis gus an 4mh latha dhe ’n mhios so, an latha bu chòir àireamh eile bhi mach. Feuchaidh e ris a chall a deanamh suas d’a leughadairean mu ’n tig an samhradh. THA Comhairlean nan siorrachdan cruinn air an t-seachdain so. Tha siorrachd Cheap Breatunn aig an àm so ann an suidheachadh na’s fhearr na bha i o chionn iomadh bliadhna; tha gach cosguis a bha ri phàigheadh fad na bliadhna s’a chaidh pàighte, agus tha tri mile ’s sia ceud dolair ri ’creideas ’sa bhanca. Tha tigh cùrtach ùr ri bhi air a thogail am bliadhna, agus bidh an seann tigh cùrtach ’s an talla air an creic. Thatar mar an ceudna ’bruidhinn air an tigh-caothaich a chreic agus tigh ùr a thogail am mach air an dùthaich, far am bi fearann ri fhaotainn na’s saoire na tha e timchioll a’ bhaile. A’ Bhliadhn’ Ur. LE ANNA CHAMARAN. Tha ’bhliadhn’ aig a ceann, Le ’campar, trioblaid is cradh, ’S le aighear is sùgradh, Sunndach, cridheil aig pàirt: Tha cuibhrionn gach aoin dhinn Roinnt’ a’m freasdal do ghràidh, Mar ’rùnaich thu fhein, A Dhe, ’tha ’riaghladh ’s gach àit’. Aig meadhoin na h-oidhch’, Le suim is aire thoirt dha, Gu ’n d’ bhuail dà uair dheug, ’S cha téid aon bhuille dhuibh cearr: Tha duilleag as ùr Air dùnadh dhuinne ’s i làn, A chumail air chuimhn’ Gach smaoin, gach gniomh agus ràdh. Aig toiseach bliadhn’ ùire, Dùisgeamaidne ’na thràth, ’Cur romhainn le cùram Cùrsa ’ghabhail a’s fhearr; ’G ath-cheannach na h-ùine ’Struidh sinn uile gun stà; Oir, làithean ar cuairt Neo-bhuan air thalamh a tà. Tha tìom ’ruith gu luath— Gach uair is mionaid mar sgàil— Tha siorruidheachd bhuan A nuas a’ teannadh gun dàil: Aig toiseach bliadhn’ ùir’ Gu h-ùmh’l biomaidne ’nad làth’r, Ag ùrnuigh riut fein, Mu ’n téid ar ceumannan cearr. Solus. THA mi air son facal misnich a thoirt do d’ luchd leughaidh a thaobh an suilean. Na biodh eagal orra nach bi solus oidhche aca cho math ri solus latha gu leughadh do dheadh naigheachdan, ’s gu foghlum fhaotainn mu na làithean a dh’ aom agus gliocas air son na làithean ri teachd. Ged dh’ fhàg a chuideachd Gheancach taobh an iar Loch Ainslie gun olla fhaighinn, cha ’n ann mar sin a tha a thaobh cuideachd Nobha Scòtia air an taobh a tuath. Chaidh iad sios mu sheachd ceud troidh agus bha ’m pump a toirt a nuas beagan olla gach latha a measg gach stuth eile a bha e togail. Cha bhiodh agad ach biorain teine ’chuir ris ’s dh’eireadh an lasair suas troidh o’s a cheann. Tha choimhearsnachd eolach air a sin. Cha ’n eil teagamh nach eil an olla ann, co dhiu a tha lochan no tobair mhòra dhi ann no nach eil. Na ’m buaileadh iad loch mòr dhi aon uair bhiodh aimhnichean olla againn anns an fhàsach. Far a bheil iad a cladhach tha na clachan gu h-iosal ni-eigin air an oir no air an leth-oir, agus, mar sin, tha’n uidheam thollaidh buailteach an toll a dheanamh air fhiaradh an deigh a dhol sios fada tre’n talamh ’s tre na creagan uachdarach. Tha sin na dhragh mòr nuair nach eil an toll ach cumhann. Faodaidh mu dheireadh an uidheam a thighinn gu bhi air a teannachadh co mòr san toll ’s nach teid aic air oibreachadh. Ach tha mi ’n dochas nach fhada gus am buail i tobar no cuisle mhòr a bheir seachad olla air son Gaidhil ’us Goill. D. D. Broad Cove, Nollaig, 1900. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Sanas do Chinn Theaghlaichean. Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr. Airneis Ghrinn Iomadh seorsa ur agus eireachdail. Brait-Urlair Bhriagha Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath. Gach Seors’ Innsridh Taighe Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, MANAGER THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 213] [Vol. 9. No. 27-28. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha a’ bhreac a sgoileadh air feadh ceann a tuath New Brunswick. Cha d’ thugadh ionnsuidh cheart air an euslaint a chur as nuair a bhrist i mach, air neo cha ’n fhaigheadh i sgaoileadh mar a rinn i. Chaidh Su Hai, an Sineach a mhort am Baran von Ketteler, fear-ionaid na Gearmailt ann am Pekin, a chur gu bàs an làthair moran sluaigh air an latha mu dheireadh dhe’n bhliadhna. Tha e coltach gu bheil Sina a’ dol a ghabhail ri cumhachan nan rioghachdan Eòrpach. Air do Mhr Chamberlain fios a leigeil dh’ ionnsuidh nan colonies gu ’m biodh an Riaghladh Breatunnach gle thoileach tuilleadh shaighdearan a ghabhail uapa air son a dhol a chogadh an Africa mu Dheas, thairg sia ceud deug duine ann an Australia ’s da mhile ann an New Zealand falbh cho luath ’sa ghabhas iad cur an uidheam. Cha ’n eil teagamh nach dean àireamh de mhuinntir Chanada iad féin a thairgse an ùine ghoirid. Air an latha mu dheireadh dhe ’n t-seann bhliadhna, bha dorsan a’ phriosain ann an St. John, N. B. air am fosgladh, ’s thugadh an saorsa do na bh’ ann de phriosanaich, coig duine fichead. Cha robh cionta mhor air a chur as leth aon dhiubh, agus air an aobhar sin cha robh e air a mheas mi-fhreagarrach an leigeil ma sgaoil. Cha bhiodh e glic a leithid a dheanamh anns a h-uile priosan ’san dùthaich. Sguir na mèinneadairean ann am mèinnean guail Phictou a dh’ obair air an t-seachdain s’a chaidh ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Bha an àireamh mhor dhiubh a’ faotainn da dholair gu leth ’san latha ’s ag obrachadh naodh uairean. Bha iad ag iarraidh 30c an latha bharrachd air sin. Bha an gual cho gann ’sa creic cho math ’s gu ’n do dh’ aontaicheadh an tuarasdal a bha dhith orra thoirt dhaibh, agus an ceann latha no dha chaidh iad air ais a dh’ obair. Tha am banca bha roimhe so a’ dol fo ’n ainm Merchants Bank of Halifax a nise fo ainm ùr, “Banca Rioghail Canada.” Chaidh notaichean ùra chur am mach air an darra latha dhe ’n bhliadhna ùir, notaichean a tha air [?] clò-bhualadh an dathan nach fhacas air airgead-paipeir ’s an dùthaich so riamh roimhe. Tha iad mar sin air son fhàgail doirbh do luchd-deanamh an airgeid mheallta an leithidean a dheanamh. ’Se so a cheud bhanca thainig do Shidni; agus tha deich bliadhna fichead o’n chaidh fhosgladh ann an toiseach. Bidh cuimhn’ aig ar leughadairean aig Carl Creelman, an duin’ òg a dh’ fhalbh á Truro, N. S., air an t-samhradh s’a chaidh air son cuairt a chur air an t-saoghal le rothair, gun airgead no ni sam bith eile air a shiubhal a chuidicheadh leis. Fhuair Iain Mac Gilleain, Sidni Forks, litir o chionn ghoirid o charaid dha fhéin, Niall Domhnullach, a tha ’na oifigeach anns an Reiseamaid Dhuibh, a tha aig an àm so am Benarres, ’s na h-Innsean an Ear. Bha Creelman ’sa bhaile sin nuair a sgriobh e an litir; bha e beagan roimhe sin tinn ’san tigh-eiridinn, ach bha e air a dhol am feobhas. Bha dùil aige dhol as na h-Innsean do Chape Colony an Africa mu Dheas. Chaidh luach sia millean air fhichead dolair a thoirt á mèinnean òir Chanada air a bhliadhna s’a chaidh. Chaidh beagan a bharrachd air leth millean dolair dhe sin a thoirt á mèinnean Nobh Scotia. Chaidh àireamh mhor thaighean a thogail anns a bhaile air a’ bhliadhna dh’ fhalbh, agus tha e nise gu math na’s furasda do dhuine àite-còmhnuidh fhaotainn na bha e mu’n àm so an uiridh. Ach tha e fhathast air uairibh doirbh gu leòr do dhaoine thig air an trein anmoich àite-cadail fhaotainn. Oidhche Di-màirt s’a chaidh b’ fheudar do thriùir a thainig mar sin an oidhche chur seachad an oifis nam maor. Bha an còrdadh eadar Canada ’s na Stàidean leis am bheil cead air a thoirt do na soithichean-iasgaich Geancach tigh’n do phuirt Chanada a cheannach biadhaidh lion us nithean eile air am bi iad a’ cur feum, air ùrachadh air son na bliadhna so. Cha ’n eil còrdadh seasmhach dhe’n t-seòrsa so eatorra idir; tha e air a dheanamh o bhliadhna gu bliadhna, agus faodaidh Canada diùltadh a dheanamh bliadhna sam bith. Thachair droch sgiorradh ann an Dominion No. 2, faisg air Glace Bay, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Spraidh da cheud punnd dynamite gun fhios ciod a dh’ aobharaich e. Bha an tigh anns an robh e air a chur ’na spealgan, agus bha ceathar dhaoine a bha faisg air air an goirteachadh; chaill fear dhiubh te dhe shùilean, agus bhristeadh cas fir eile, ’s bha gach aon dhe’n cheathrar air am bruthadh ’s air an gearradh gu dona. Rainig Morair Roberts Sasunn air an latha mu dheireadh dhe ’n bhliadhna, agus chuireadh fàilte air nach do chuireadh eadhon air Wellington nuair a thainig e dhachaidh an deigh blàr Waterloo. Bha Prionnsa Wales agus àireamh de’n teaghlach rioghail g’a choinneachadh; chuir a bhanrigh fios air, agus rinn i Iarla dheth. Tha Morair Roberts na shaighdear cho treun agus ’na dhuine cho ionmhuinn ’s nach measar urram is urrainn a dhùthaich a chur air tuilleadh us mor no math dha. On thoisich an cogadh anns na h-Eileanan Philippeach, bha sgeula-bàis Aguinaldo, ceannard nan ceannairceach a tighinn gu math tric agus cha robh uair a thigeadh i nach robh sgeul eile a tighinn ag innse gu robh e beò. Tha sgeul a bhàis a nis air tighinn aon uair eile, agus tha barrachd de dhreach na firinn oirre na bha oirre riamh roimhe A reir na sgeula so tha faisg air da mhios o’n chaochail e, ach chaidh a chumail an cleth, air eagal gu ’n cuireadh bàs an ceannaird na ceannaircich gu mi-mhisnich. Ann am Manchester, an Sasunn, bha moran tinneis agus iomadh bas air am aobharachadh le leann puinnseanta. Chaochail coig duine fichead roimh ’n cheathramh latha dhe ’n mhios so, agus bha àireamh mhor tinn ’s cuid dhiubh sin air nach robh coltas gu ’n rachadh iad am feothas. Tha na grùdaiream a bha deanamh an leanna ri bhi air an toirt gu cùirt air son a bhi cleachdadh a phuinnsean; bha iad ’ga chur ann air son am blas a neartachadh, ach rinn e bharrachd us sin. ’S e ’n aon dòigh is fhearr do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ dol a dh’ òl leann no stuth láidir eile, gun òl idir. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN Airson Sanas bho KELLY & DODGE, Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. [TD 214] [Vol. 9. No. 27-28. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXVI. IOMA-RUAGADH NAN CINN-FEADHNA AGUS AN LUCHD-LEANMHUINN. AIR fìr thoiseach a mhàighe chaidh Mac-an-Leistear Bheinne-Sith, Greamach Dhùn-Treòin, agus Morair Ogilbhie air bòrd ann an saigheach beag ma inbheir Uisge Tatha, agus chum iad an cuan ri sròin gus an deach iad air tìr gu sàbhailt ann an Lochlainn. Mu’n gann a chuir iad an cas air cladach ghlac righ Lochlainn iad agus chuir e staigh iad mar phrìosanaich ann a seanna Chaisteal dubh Bhaile-na-Buirbhe. Tacan an deighe sinn fhuair iad fa-sgaoil, agus theich iad do’n Fhràing far an d’ fhuair iad dìdeann. Fad fhichead latha an deighe blàr Chul-Fhodair cha deach duine de dh’ fheachd an Diùc an còir nan Garbh-Chrioch far an robh a’ chuid mhòr do shluagh Thearlaich a chòmhnuidh, agus a bha nise air cruinneachadh ri chéile ’chum an ath ionnsaidh thoirt air an àrm-dhearg. Air an ochdamh latha de’n Mhàigh thug na cinn-feadhna coinneamh da chéile ann am Mùrlagan fagus do cheann Loch-Arcaig, agus Loch-Iall air an ceann, ged a bha e air a leònadh le puthar a bhlàir ma dheireadh, air dhoigh is nach b’ urrainn da gluasad ach air muin eich. Bha na fir ann an deagh mhisneach le sùim mhòr airgeid a thainig thuc as an Fhràing mu’n àm sin gu cumail suas a’ chogaidh; bhan t-suim so mu thuaithream 38,000 Pund-Sasunnach. Chaidh a shònrachadh gu’n càmpaicheadh na Cam-Shrònaich, Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, Fir na Ceapaich, Clann-Raonaill, Stiùbhartaich na h-Apunn, Clann-Ionmhuinn, agus Leòdaich Mhic-’Ille-Chalum ann an Acha-na-caraidh, air an cùigeamh latha diag de’n Mhàigh. Chaidh a shònrachadh mar an cianda, gun cuirte fios gu Clann-Mhuirich, Clann-Chatain na h-Abhallaich agus na Frisealach, a bhi deas gu thighinn nan ceann. Mar sin thòisich an tògbhail as ùr; fhuair Loch-Iall trì chiad dheth na Cam-Shronaich cruinn a chlisge, agus Mac-’Ic-Alasdair agus Colla Bhàrasdail tri-cheud eatorra nan dithis, dheth na Dòmhnullaich. Mu’n àm sin dh’ fhag Iarla Loudon Inbheirneis le seachd ceud diag fear agus ghabh e sealbh air Lochabar. Chunnacas iad so a tighinn agus theab iad Loch-Iall a ghlacadh le dùil gu’m b’iad daoine Cholla Bharasdail, ach thainig teachdaire a dh’ innse dha gur e suaithneas dearg a bha nam boineidean ann an àite ’n t-suaithneis bhain, dh’ aithnich Loch-Iall an sin co bh’ann agus mheasadh iomchaidh an t-òr Fràngach fhalach mu’ n tuiteadh e leis na nàimhdean, agus dh’ fhalaich iad cuig mìle ginni dheth ann an àllt aig ceann Loch-Arcaig agus a’ chuid eile fagus do cheann shios an locha chianda. Iar dhaibh an t-airgead a chuir ann an aite gleite theich Loch-Iall agus na h-uaislean eile air falbh ann am bàta, agus thug an tuath an dachaigh orra. Cho luath sa chuir Morair Loudon an céill fath a thurais do Lochabar, se sin a thogail an cuid àrmachd, thainig na daoine gu léir agus liubhair siad iad dha le làn thoil. Fhuair Caim-beulaich Earra-Ghàel na bha do dh’ àirm ann an Gleanna-Comhann gun bhuile ’bhualadh. Cha robh an Diùc idir toilichte leis a so agus chuir e roimhe gun tugadh e air a’ chuid daoine féin (na Sasunnaich) na h-àirm a thoirt bho na chuid eile dheth na Gàeil a bha le Tearlach ge b’e àit’ anns an robh an còmhnaidh. Air an treas latha fichead de’n Mhàigh dh’ fhag e Inbheirneis le réiseamaidean coise agus chàmpaich iad ann an Cille-Chumein, ann am fir mheadhon na dùthcha. A Cille-Chumein chuir an Diùc pairti dheth an arm-dhearg air feadh gach àite de’n dùthaich mu’n cuairt. Bha gniomharra’ nan daoine sin cho brùideil, agus cho an-iochdmhor is nach eil iomradh againn air a shamhuil ann an eachdraidh cheud linntean an dòrchadais, no idir a measg Chriosdaidhean. Chaidh teine chuir ri aitreabh Loch Iall, Chluainidh, na Ceapaich, Ghlinne-Garaidh, Cheann-Loch-Mùideart, Ghlinne-Goill, Aird-Seile. Chaidh mar an ciadna aitribh na tuath a chreachadh sa’ losgadh, agus an cuid spréidh a’s amhlainn a ghiùlan leis na saighdearan dearga gu càmp an Diùc an Cille-Chuimean. Bha na saighdearan a reubadh an aodaich dheth na chloinn, agus a toirt nam ban air éiginn! Chaidh àireamh lionmhor de dhaoine neo-chiontach, nach deach riabh air feachd sam bith, a thilgeadh, agus daoine liatha aosda chuir ro na mosgaidean mar chuspairean àbhachd. Chaidh iomadaidh a theich a chum nam beann mar dhìdeann a dhìth le fuachd a’s acras. Bu cho lòm a chaidh na Garbh-Chriochan air eirthire siar Inbheirneis fhàsachadh roi ’n deicheamh latha do dhara mìos an t-sàmhraidh, is gu ’m faoite siubhal fad iomadh mìle gun cheò taighe fhaicinn ’s gun gheum bà, no goireal coileich a chluinntinn! Cha’n robh an t-arm-dearg fathast toilichte leis na thog iad do chreachan air fearann nam fineachan a dhéirich le Tearlach, thòisich iad a nis’ air iomain rompa gach spréidh a bha tachairt nan co-dhail, air chor is gun robh na daoine dh’ fhan aig a bhaile rè a’ chogaidh air an aon diol riu-san a thionnsgain an t-àr-a-mach; air an aobhar sin bha’n àireamh spréighe a thog iad cho lionmhor is gun deach cunntais cheudan mhart a’s each a réic le feachd an Diùc ris na dròbhairean Sasunnach air son leth-chrun an ceann; chaidh an t-airgead so a rinn mar chreich a Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 215] [Vol. 9. No. 27-28. p. 7] measg nan saighdearean. Bha chuid eile de ghnìomharadh nan daoine an-diadhaidh, neo-dhaontachail so, cho gràineil ri aithris, agus cho déistinneach ri leughadh, is na chràdh cridhe ri chluinntinn, air chor is gur iomchaidh dhomh an Caibidil a’ cho-dhùnadh. Bha Tearlaich mu’n àm sin ann an Beinne-Mhaol an Uidhist a chinnedeas, an deigh dha féin a ’s do ’n sgioba an oidhche chuir seachad gu dosgainneach a caitheamh na fàirge ri garbh shéideadh ann am bata fosgailte. Anns an eilean so b’e bàtheach fosgailt bu lùchairt dha, bu leabaidh stàta dha connlach shalach, bu lion-anard dha lùireach de sheana chainb, bu bhiadh dha min choirc a’s feòil. Dh’ fhàn iad ri port anns an eilean so rè cheithir latha diag, a thaobh doirbhead na sìde, ach air Di-màirt an naoidheamh latha fichead de ’n Ghiblin ghabh iad orra uidhe chuain fhiadhaich, a leigeadh fa sròin, agus chum iad oirre mar dh’ fhaod iad gu eirthire Leòghais oir bha ruin orra dhol do Steòrnabhaidh far an robh dùil aig Dòmhnuill Mac-Leòid saigheach fharadh a chum am Prionns’ aiseag do’n Fhràing. Cha robh iad ach tacan air fairge gus ’na shéid a ghaoth gu treun, agus dh’ éirich an linne na caoraibh gheala air chor is nach b’ urrainn iad giùlan n’a b’ fhaid’ air fuaradh, air an aobhar sin leig iad ruith leatha dh’ ionnsaidh an Eilein ghlais, a ta na laidhe ma dha fhichead mìle tuath air Beinne-Mhaol agus m’ an imisg chiadna deas air Steòrnabhaidh. Chaidh iad air tìr anns an eilean so ma bhristeadh na camhanaich, agus a thaobh gu ’m buineadh am fearrann do Mhac-Leòid na h-Earadh, a bha’n aghaidh a’ Phrionnsa, mheas iad iomchuidh iad féin a chléth; uime sin thug iad a chreidsinn air muinntir an eilein gu’ m bu cheannaichean Arcach a bha annta air an deach an long a bhristeadh na sgealban air an Dù’-Irtich, droch sgeir a ta na laidhe sa chuan air taobh siar Ile. Cha do chuir muinntir an Eilein ghlais am briathran an teagamh, agus a chum na cùise ’dheanamh na bu ro choltaiche ris an fhirinn, chaidh iad fo ainmeanan meallta. B’ ann do Chlann na Ceairde bha ’m Prionns’ agus O’Suilibhan, (a b’e na’m b’ fhior am mac agus an t’ athair), agus bha ’n sgioba gu léir air an gairm do réir ainmeanan tuathach eile. Fhad sa dh’ fhuirich iad san Eilean-Ghlas, b’ ann an taigh Dhòmhnuill Chaimbeil am fear aig an robh an t-eilean air mhàl a chuir iad suas; nochd fear an taighe, (ged bu Chaimbeulach e,) mòr chaoimhneas dhaibh, agua thug e a bhàta féin do Dhòmhnull Mac-Deòid a chum a dhol do Steòrnabhaidh air ti an t-saigheich a bha mhiann orr’ fhaotainn. Dh’ fhalbh Dòmhnull do Leòghas air an athairne-mhàireach, agus dh’ fhan am Prionns’ ann an taigh a Chaimbeulaich gus an tigeadh e air ais. Air an treas latha de ’n Mhàigh thainig fios bho Dhòmhnull Mac-Leòid gun dh’ fhuair e saigheach, ag iarraidh air a’ Phrionns a dhol air aghaidh gun dàil; air an aobhar sin chuir Dòmhnull Caimbeul bàt eile na h-uidheam, agus fo lan sgioba; air an ath latha dh’ fhalbh iad leis a’ Phrionns thar chuan gu Steòrnabhaidh. Ach mun d’ ràinig iad an calla sin thiondaidh a ghaoth nan aghaidh, agus b’ éiginn daibh ruith a steach do Loch-Sith-phort a ta ma thuaiream fichead mìle bho Steornabhaidh, choisich iad as a sin tarsuinn a mhointeach a bha glè bhog aig an àm, agus air a chùigeamh latha de’n mhìos stad iad aig rinn Rugha-àr-innis ma uigh mìle do’n bhàile. As a sin chuir iad gilie dh’ ionnsaidh Dhòmhnaill Mhic-Leòid a’g iarraidh air biadh a chuir thuca; air ball thainig Dòmhnull do’n ionnsaidh le biadh a’s drama, agus theòraich sé iad gu taigh Baintighearna Chill-Duinn far an deach am Prionns a laidhe. Iadsan a Phaigh. Ruairi Mac Neill, Glace Bay. Donnacha Mac-Gill-fhinnein, Nyanza. Aonghas Mac Ascuill, Sidni. Calum Mac-a-Phearsain, Sidni. An Siorram Buchanan, Sidni. Mairi Mhathanach, Sidni. An t-Urr. Uilleam Calder, Sidni. An t-Urr. A. Mac Coinnich, Meinn Victoria Iain A. Mac Gille-mhaoil, Grand Mira. Iseabal Nic Gilleain, Narrows Mhora. Ruairi Moireastan, Rudha nan Rothach, Ruairi Mac Phaic, Rudha nan Rothach, Mairi Cheanadach, Alba ’n Iar. An t-Urr. A. M. O’ Handley Amhuinn Bhourgeois. Domhull Moireastan, Ceap Nor. Domhull Mac Cuthais, Bridgeport. Gilleasbuig Gillios, Bridgeport. Fearchar Mac Gill-fhinnein, Victoria Line Padruig Mac Neill, Cobh a Phiobaire. Niall V. Mac Neill, Seana Bhridgeport, Dughall S. Caimbeal, Seana Bhridgeport, Iain F. Domhnullach, Seana Bhridgeport, Iain Morreaastan, an Gut a Deas. Alasdair Mac Neacail, Port Morien. Ailean D. MacEachainn, am Bagh an Ear Aonghas Gillios, Orangedale. Iain I Mac Neill, Reserve Mines, Iain A. Mac Isaic, Sydney Mines, Padruig MacGille-Mhaoil, Gleann Ainslie D. I. Mac Eachainn, Port Hastings. Anna S. Nic Fhioghnain, Port Hastings. Eachunn Mac Neill, South Bar. Seonaid Ros, Cul Bagh Bhaddeck. Donnacha Mac Aidh, Cul Bagh Bhaddeck. Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove Iain I. Mac Fhraing, Broad Cove Bank, Iain E. Mac Leoid, Ingonish. R. S, Mac Leoid, Baile nan Gall. Alasdair Domhnullach, Amhuinn Bhradain. Calum Mac Fhearghais, St. Esperit. Domhull Mac Pharlain, Cox Heath. Murchadh Mac Leoid, Bagh Bhaddeck. Aonghas Mac Gilleain, Catalone. Eoghan A. Mac Eachainn, am Bagh an Ear. Iain A. Mac Fhionghain, Shunacadie. Domhull I. Mac Leoid, Amhuinn Dhennis Iain Mac Ille-mhaoil, Horne’s Road. C. F. Mac Ascuill, Loch Lomond. A. I. Caimbeul, Sydney Mines. Tormad D. Mac Neill, Benacadie. Caipt Donnacha MacLeoid, Baile nan Gall Seumas R. Gillios, Deepsdale. Steaphain Mac Neill, Cobh a Bheabheir. Iain MacGill-fhinnein, Amhuinn Dhennis Domhull MacGill-fhinnein, Port Hood. Aonghas D. Mac Fhraing, Glengarry. Domhull F- Beuton, Mabou. Iain Domhnullach, Framboise. Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit. Louis Domhnullach, Sea Side. Iain A. Domhnullach, Glenville. Padruig Mac Fhionghain, New Canada. Aonghas Mac Leoid, Port Morien. Alasdair Caimbeal, Brook Village. D. C. Domhnullach, Birch Grove. Alasdair Mac Neacail, Birch Grove. Lachuinn Mac Gilleain, Lexington. Alasdair Mac-an-t-Saoir, Catalone. Domhull Moireastan, Ceap Nor. Gilleasbuig Beuton, Boularderie. Martuinn Martuinn, Martindale, E. P. I. Domhull Mac Calamain, Kinross, E. P. I. Cailean I. Mac Phail, Argyle Shore, E. P. I. Alasdair Domhnullach, Double Hill, E. P. I. An t-Urr. Calum Caimbeal, Strathalba. Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifax, N. S. Alasdair I. Mann, Halifax, N. S. Eachunn Mac Fhionghain, Stellarton. Bean Iain Mherlin, Springhill, N. S. Iseabal Dhomhnullach, Thorburn, N. S. Domhull Boyd, Fraser’s Mills, N. S. Iain I. Sutharlan, Kerrowgare, N. S. D. I. Caimbeal. Toronto, Ont. A. I. Mac Dhiarmaid, Ottawa, Ont. Bean Aonghas Mhic-a Bhiocair, Teeswater Domhull I. Friseal, Vankleek Hill, Ont. Iain Mac Calum, Heather, Ont. Cairistine Nic Aidh, Ripley, Ont. Domhull Mac Aidh, Ripley, Ont. POSAIDHEAN. Ann am Boston, air an 13mh latha de Nobhember, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., A. Albert Jones á Boston, agus Cairistiona Nic Fhearghais, á Nobha Scotia. Ann am Boston, air an 21mh latha de Nobhember, leis an Urramach cheudna, Richard M. Young, agus Mairi J. Nic Mhuirich, an dithis á Nobha Scotia. Ann am Boston, air an 28mh latha de Nobhember, leis an Urr. cheudna, Seoras C. Lawrence, á Margaree, C. B., agus Anna M. Skinner, á Port Hastings, C. B. Ann an Boston, air an 19mh latha de Desember, leis an Urr. cheudna, Padruig C. Foley agus Ealasaid Dyment, an dith-á Eilean a Phrionnsa. Ann am Boston, air an 29mh latha de Desember, leis an Urr. cheudna, Spencer D. Beecher, á Chelsea, Mass., agus Seornaid M. Brien, á New York. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 216] [Vol. 9. No. 27-28. p. 8] Bruadar an t-Saighdeir. (The Soldier’s Dream). EADAR-THEANGAICHTE O’N BHEURLA. Sheinn dùdaich an fhois-ghairm aig drochadh nan tràth, ’S an speur le a freiceadain reul mar is gnàth; Le sgios, laidh na miltean a sios ’an droch chàs, An claoidhte gu cadal ’s an leòinte gu bàs. ’Am shuain air mo sheideig air leitir glé gharbh, Taobh ’n teine ’bha gleidheadh na feitheid o’n mharbh; Bho mheadhon na h-oidhche, gu soillseachadh là. Tri uairean gu ’n d’ bhruadair mi bruadar an àidh. Ar leam gu ’n do thàr mi troimh fhàsaichean balbh, Glé fhada bho ’n àraich ’s gach blàr-uidheam gharbh; Fo speuran a b’ àille ’s gun mhàirneal a’ m’ cheum, Gu dachaidh mo chàirdean thug failt’ dhomh a’m fheum. Ruith mis’ agus leum mi gu réidhlean nan blàth, ’S an tric bha mi éibhinn ’an ceitein mo la; Mo ghabhair a’ meigeadaich ’freagairt a chéil’, Is b’ eol dhomh am buanaich ’s an duan bha na beul. Is gheall mi do m’ chàirdean ’s sinn àbhach mu’n fhion’ Mo dhachaidh nach fhàgainn air àilgheas an righ; Mo bhean is mo phàisdean g’am thàladh a strì, Ghuil is’ agus ghàir i an lànachd a crìdh’. Fuirich! O, fuirich! Fan le d’ mhuirichinn ghràidh, ’S bha ’n t-ànrach glé ullamh gu fuireach is tàmh; Ach thill rium mo thruaighe, le luath-theachd an là, ’S an tlàth-ghuth ’am bhruadar, theich nam mar an sgàth. LUSSA. Oran an Uisge-bheatha. LE RAONALL MAC IAIN MHIC EOGHAIN. ’N àm éirigh anns a mhaduinn dhomh ’S mi dol am mach gu m’ sheirbheis, Gu ’n d’ thachair òigfhear gasda rium, ’S bu charthannach a sheanachas. Nuair thaitinn fhearas-chuideachd rium Gu suigeartach leis dh’ fhalbh mi: Thug e-san bharr an rathad mi, ’S dh’ fhàg sin an gnothach ainmeil. Ged dh’ fhalbh mi air an turus ud, Air m’ urras bha mi ’smaointinn Gu ’m bu mhath an tearnadh dhomh Nan tàrainn a bhith saor uaith’. Thachair cuid de ’chàirdean ris Dh’ am b’ àbhaist a bhith ’n gaol air, ’S cho fad ’sa mhaireadh fàirdein dhaibh Bhiodh pàirt deth air a thaobh-san. Nuair bha mi greis na ’chomunn Bha mi ’n sin a togairt falbh as, Ach fhuair mi e cho caoimhneil ’S gu ’n do dh’ fhoighneachd mi dé b’ ainm dha; Thuirt esan, dean air t’ athais Is glaodh fhathast air an t-searbhant’— Thig ’s lion an soitheach sòlasach, Am fear tha ’n stòp mar ainm air. Ghnog mi màs a ghurraich, ’S chuir mi cuireadh air an t-searbhant’; Smaoinich mi o’n dh’ fhuirich mi Gu ’m faighinn bun a sheanachais. Dh’ fhaighneachd mi co ’shloinneadh dha, Ged cheileadh e de b’ ainm dha, Is thuirt e rium gu faoilteach, Cha bhith aon diu ort an dearmad. Ma tha thu ’g iarraidh eòlais orm, ’S gu bheil thu feorach m’ ainme, Gu ’m faigh thu fios mo shloinnidh Le bhith ùine bheag na m’ sheanachas. ’S mi mac na poite duibhe, ’Bhios na suidh’ am bun a ghealbhain; ’S e ’n t-eòrna buidh’ a ’s athair dhomh, ’S i ’n atharnach mo sheanamhair. Ma ’s e ’s gur tus’ an urra sin Is curaidh fearail calm’ thu. Cha ’n fhaca mi fear eallaich ’Bheireadh barrachd ort an Albainn. Gu dearbh bu deagh fhear-gnothuich thu, ’S bu chomharraicht’ air falbh thu; Bu dannsair math le fidhil thu, ’S nad shuidhe bu tu ’n seanachaidh. Bu mhath air cheann gach feum’ thu, Bha thu treubhach gun bhith cearbach; Bu tric thu air na féilteachan, Bhiodh spéis dhiot aig luchd-bargain; Cha bhiodh àit an suidheadh iad, Nach guidheadh iad fear t’ ainm’ ann; ’S tu b’ fhianuis air an cùmhnantan, ’S bhiodh trian de ’n chuis na t’ earbsa. Bu leoghann treubhach, sgairteil thu, Cha robh thu lag no leanabail; ’S mur biodh iad ga do bhaisteadh, Gu ’m biodh cuid dhe d’ bheairtean ainmeil. Dhùisgeadh tu na cadaltaich ’S gun lagadh tu ’m fear amasguidh; Is dheanadh tu ’m fear lapach Chur an staid an fhir bu mheanmnaich’. Dé ’nis is àite fuirich dhuit, No bheil do bhunait dearbhte? No ’m bi thu aig daoin’ uaisle, Mar a bha thu uair dhe t’ aimsir? Is minig a bha fuaim ac’ ort Gad chur an cuachan airgid; Bhiodh uisge teth is fuar aca Ri truailleadh do mhac-meanmna. Cha ’n fhuiling iad an dràsda mi, Tha àilgheas agus anbharr Ga ’n lionadh leis an stàtalachd; Tha m’ fhaileadh-sa ro shearbh leo. Cha leig iad ball nan làthair dìom Bho ’n tha mi ’fas an Albainn; ’S fearr fion is ruma ’s branndaidh leo, ’Tha tigh’nn a nall thar fairge. Gur gnothach tha ro chruadalach Ma chumar bhuainn do chòmhradh; Gu ’n déid a chuis bho eireachdas Ma cheilear air an stòp thu. Do ghlasadh ann an seileirean Gun choire tha e neònach, ’S gur h-iomadh fear a theireadh Nach bu bheag air thu na ’sheomar. Rugadh Raonall Dòmhnallach—Raonall Mac Iain Mhic Eoghain—an sgìre Mhinginis ’san Eilein Sgitheanach. Bha e na ’dhuine geur deas-chainnteach, agus na dheagh bhàrd. Tha moran de na saighdearan a dh’ fhalbh anns a’ cheud reiseimeid Chanadach do Africa gle dhiombach de Coirneil Otter a bha ’na cheannard orra. Tha iad a’ fàgail air gu robh e tuilleadh us cruaidh orra, a cur uallaichean troma us obair m’an coinneamh anns nach robh feum sam bith, agus mar an ceudna nach robh e toirt ceartais dhaibh ann an dòigh sam bith coltach ris mar bha air a thoirt do na saighdearan ann an reiseamaidean eile. Is bochd an gnothuch ma tha so fior, agus cha ’n eil teagamh nach eil ann an tomhas mor, oir tha ’n seanachas a’ tigh’nn troimh dhaoine creideasach, agus ann am paipearan do nach cleachdadh a bhi cur bhreug air iseal no uasal. Tha e gle choltach gu’n chuinnear tuilleadh mu’n chùis so an ùine ghoirid. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. GIBHTEAN NOLLAIG. Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets, Lockets, Dressing Cases, Bataichean le cinn oir. ANNS AN STOR AIG—K. BEZANSON. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE, 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. [TD 217-224] [No. 29. a dhìth] [TD 225] [Vol. 9. No. 30. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 25, 1901. No. 30. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. VIII. BLIADHNA no dha roimhe sid, phòs an t-uachdaran. Agus an uair a thainig e fhein agus a bhean air chuairt do ’n dùthaich, thug iad leotha mòran aodaichean a dh’ ionnsuidh nan daoine bochda. Bha bean an uachdarain, ged bu Bhann-Sasunnach i, ’na boirionnach cho còir ’s cho caoimhneil ’s cho truacanta ri boirionnach a b’ urrainn a bhith. An uair a chuala tuath na h-oighreachd gu ’n robh an t-uachdaran gus Bann-Sasunnach a phòsadh, bha ’n àireamh bu mhò dhiubh an dùil nach freagradh a leithid idir air an uachdaran. Bu choma leotha dhe na Sasunnaich. Bha iad an dùil nach robh annta gu léir ach daoine coimheach, cruaidh-chridheach, an-iochdmhor a bhiodh ag amharc sìos air daoine bochda na dùthchadh. Ach an uair a chunnaic iad gu ’n robh bean an uachdarain anabarrach còir, ciùin, iriosal, siobhalta, thuig iad gu ’n robh cuid dhe na Sasunnaich cho math ri daoine eile agus ma dh’ fhaoidteadh mòran na b’ fhearr. Thug bean an uachdarain le a làmhan fhein seachad an t-aodach do na bochdan, agus b’ ainneamh neach nach robh glé riaraichte leis an dòigh anns an do roinn i an t-aodach ’nam measg. O nach robh i comasach air labhairt ris an t-sluagh anns a’ Ghàilig—an aon chànain a thuigeadh iad—rinn an t-uachdaran fhein gach eadar-theangaireachd a bha feumail. An ath bhliadhna, ge b’ e air bith rud a thainig anns an rathad, cha d’ thainig an t-uachdaran agus a bhean do ’n dùthaich idir. Ach cha do dhichuimhnich iad cuid mhath de dh’ aodaichean dhe gach seòrsa a chur dhachaidh gus a bhith air an roinn air bochdan na dùthchadh. B’ ann air cùram a’ mhaoir a chuireadh na h-aodaichean dhachaidh. Agus thainig litir g’ a ionnsuidh a dh’ iarraidh air fhein ’s air a mhnaoi an roinn air na daoine bochda cho ceart agus cho cothromach ’s a ghabhadh deanamh. B’ ann mu shamhainn a thàinig na h-aodaichean; agus thachair gu ’n robh Aonghas Fionn agus Domhull Beag mac Sheumais mu ’n cuairt an àite éiginn air taigh a’ mhaoir an oidhche ’thàinig na h-aodaichean. Bha toil aca le chéile beagan comhraidh a bhith aca ri dithis dhe na h-igheanan an déigh do ’n mhaor ’s do ’n mhnaoi a dhol a laidhe. Ach ged a bha fhios glé mhath aig na h-igheanan gu ’n robh toil aig na gillean a bhith greis a’ comhradh riutha, mar is minic a bha iad, cha d’ thug iad misneach sam bith dhaibh gu fuireach. Ghabh te dhiubh mar leith-sgeul, gu ’n robh aig a h-athair ri mòran chunntasan a chur air dòigh, agus gu ’m biodh e dà uair ’s a’ mhadainn mu ’m b’ urrainn da crìoch a chur orra. An uair a chuala na gillean so, thuirt iad a beul a chéile, gu ’m b’ fhearr dhaibh falbh dhachaidh, agus tighinn an ath oidhche. An uair a ghabh na gillean ceum air falbh o ’n taigh, thuirt Aonghas Fionn, “Cha teid mo chas dhachaidh an nochd gus am bi fhios agam ciod e an dìomhaireachd a tha fa near do mhuinntir a’ mhaoir. Tha rud eiginn fo ’s laimh dhaibh nach fhuiling an solus fhaicinn, ar neo tha mise gu mòr air mo mhealladh. Ciod e na cunntasan a bhiodh aigesan ri chur air doigh? Cha ’n ’eil an sid ach leithsgeul a ghabh i gus toirt oirnne dhol dhachaidh?” “Cha ’n ’eil gnothach againne bhith ’g iarraidh fios air ni sam bith a tha toil aca chumail an cleith. Is fhearr dhuinn gu mòr gabhail dhachaidh, agus a dhol a laidhe,” arsa Domhull. “Tha gnothach againne riutha gun teagamh, a Dhomhuill. Is ann againn a tha. Ma tha dùil aig fear seach fear dhinn té dhe na h-igheanan a phòsadh, is e ar gliocas fios a bhith againn an toiseach air iomadh rud mu thimchioll an teaghlaich. Cha ’n ’eil fad’ o’n a thàinig iad do ’n dùthaich. Agus creid thusa mise, cha ’n ’eil a’ cheart teaghlach cho furasda ri ’n tuigsinn ’s a tha iomadh neach an dùil,” ars’ Aonghas. “Ciod e tha ’nad bheachd a dheanamh?” arsa Domhull. “Innsidh mi sin dhut. Théid sinn a dh’ ionnsuidh uinneag an t-seòmair, agus bidh ar cluas ri claisneachd feuch ciod a chluinneas sinn. Bidh fios againn co dhiubh dh’ innis no nach d’ innis an nighean an fhirinn duinn. Ma tha aig a h-athair ri cunntasan a chur air dòigh mar a thubhairt i, falbhaidh sinn dhachaidh; ach ma tha rud sam bith eile fo ’s laimh aca, fanaidh sinn, gus am bi fhios againn ciod a bhios iad a’ deanamh. Cha ’n ’eil fhios nach bi Tearlach Ruadh a’ cordadh ris an nighinn mhòir a’ nochd. Ma chumas e suas cleachdadh na dùthchadh, mar a tha mi ’n dòchas a nì e, feumaidh e tighinn le ’bhotul do thaigh a’ mhaoir gus gu ’n suidhich iad eatorra fhein co an oidhche ’bhios an réiteach ann,” ars’ Aonghas. Gun tuilleadh a radh, thill na gillean gu taigh a’ mhaoir. Sheas iad greis aig a’ chruaich mhònadh, far am faiceadh iad co ’rachadh am mach no steach air an dorus. Bha ’n oidhche gu math dorcha le ceò ’s le uisge, agus cha ’n fhaiceadh neach sam bith iad, na ’s lugha na thigeadh e glé dhlùth dhaibh. Cha robh iad fad’ aig a’ chruaich mhònadh an uair a dh’ fhosgladh an dorus, agus thainig dithis dhe na h-igheanan am mach. Ghabh iad ceum gu socair, sàmhach mor thimchioll an taighe, mar gu ’m biodh iad ag amharc feuch an robh streatharlaich sam bith a’ gabhail fabhuir mu ’n taigh. Thug iad ceum no dhà gus a dhol thun na cruaiche mònadh; ach thill iad mu ’n do ràinig iad i. Agus cho luath ’s a chaidh iad a steach, chrann iad an dorus gu math ’s gu ro mhath. An ceann beagan mhionaidean ghabh na gillean a null thun an taighe. An uair a ràinig iad an uinneag, chual’ iad cath bruidhne anns an t-seòmar. Bha aodach air a chur gu cùramach ris an uinneig, agus shaoil Aonghas an toiseach nach robh rathad aige air dad fhaicinn dhe na bha muinntir an taighe ’deanamh anns an t-seòmar. Cha robh anns an uinneig ach lòsain bheaga; agus chuimhnich Aonghas gu ’n robh fear dhiubh air a chur innte beagan ùine roimhe sid. An uair a bha e fhein ’g a chur innte, cha do thachair gu ’n robh potaidh ri ’faotainn an àite sam bith dlùth dhaibh; agus b’ ann le ceithir tàirnean beaga a bha ’n lòsan air a theannachadh anns a’ chéis. O ’n a bha toil aig Aonghas fios fhaotainn air a h-uile car a bha ’n fheadhainn a bh’ anns an t-seòmar a’ cur dhiubh, thug e an lòsan as an uinneig gun uiread ’s am fuaim bu lugha dheanamh. Bha toll beag mu leud sgiath faochaig air an aodach dìreach mu choinneamh an lòsain, agus an uair a chuir e ’shùil ris, chunnaic e a h-uile car a bha iad a’ cur dhiubh anns an t-seòmar. Agus mu dheidhinn na bha iad ag radh, bha Domhull Beag ’ga chluinntinn a’ cheart cho math ’s ged a bhiodh e ’na shuidhe anns an t-seòmar comhladh riutha. Cha mhòr nach do stad an dà shùil shuas aig Aonghas an uair a chunnaic e an obair a bh’ aca ’s an t-seòmar. Bha na h-aodaichean a chuir an t-uachdaran ’s a bhean dhachaidh gus a bhith air an roinn air daoine bochda na dùthchadh, ’nan torran an sid ’s an so air feadh an t-seòmair, agus am maor ’s a bhean ’s a cheathrar nighean a’ taghadh nan seòrsachan a b’ fhearr dhiubh gus an cumail aca fhein. An uair a dh’ fhosgladh am poca anns an robh na plangaidean, thuirt bean a’ mhaoir, “Tha plangaidean Sasunnach an so cho briagha ’s a chunnaic duine riamh. B’ e ’n call am faicinn air leapannan salach nan daoine air son an do chuireadh dhachaidh iad. Cha bhiodh iad aon seachdain glan aca. Is e peacadh a th’ ann an leithidean de phlangaidean mìne, geala, glana ’thoirt seachad do dhiolacha-deirce truagha do nach aithne an aire thoirt dhaibh.” “Innsidh mise dhut, Una, mar a ni sinn,” ars’ am maor ’s e ’na sheasamh ’s a chùl ris an uinneig, “cuiridh sinn an fheadhainn a’s fhearr dhiubh air leith gus am faigh Anna iad an uair a phòsas i fhein is Tearlach.” Thainig aoidh air gnùis Anna an uair a chuala i so; ach bha càch ’nan tosd, agus iad mar nach biodh iad idir toilichte. Cha bu mhò na sin a a bha iad. Bha farmad gu leòr aca ri Anna, araon a chionn gu ’n robh i ’dol a phòsadh gun dail, agus mar an ceudna, a chionn gu ’n robh i ’dol a dh’ fhaotainn plangaidean Sasunnach. Thug am maor ’s a bhean an aire gu ’n robh an triuir nighean mi-thoilichte, agus thuirt iad a beul a chéile, gu ’m faigheadh gach té dhe ’n triuir plangaidean a cheart cho math riutha sid an uair a bhiodh iad a’ dol a phosadh. (Ri leantuinn.) [TD 226] [Vol. 9. No. 30. p. 2] Sgeul air Gaol ’us Gaisge (Air a leantuinn.) FHUAIR e mar so de bheatha mhath air an oidhche so, deoch an deigh dighe ’gan toirt da, agus b’e sin a mhiann; agus a’ dol da gu math dian agus gu math dana air an ibh, bha a chuid maoidheadh d’a reir. Shaoil le cach, an am dhaibh mac-na-braiche fhaicinn ’ga chuir ’na dheann le slighe na firinn nach b’ fhada a nis gus an tigeadh an sgeul rùin air lom agus gu ’m faigheadh iad ’shios ciod chuige a chaidh an leomhan a’ cheannach. Ach mar a bu treise d’ an deoch bu treise do ghreim Nessius air run Bhassuis, agus cha tug iad air sgeul a dheanamh air a mhaighstir. An uair a bu leir daibh nach rachadh leo, b’e beum agus sgeig a bha aca dha, agus thug esan sin fanear, agus ma thug, dh’ atharraich a chruth, agus dh’ fhalbh an suairce agus an cairdeas leis a’ ghaoith. “Cha ’n fhaigh sibh cead dol an sas annamsa ni ’s mo,” ars’ esan, de phreab, “ni sibh gaire air an fhear air an tainig an da la, ach a fhianuis oirbhse gur urrainn do shean leomhan teumnadh a bharrachd air a dheudach a rusgadh.” Air dha sin a radh, thug e leum as a chorp agus tharruing a chuinnsear agus shiud e air an duine a b’ fhaisge da a mharbhadh. Ach bha an dothain aca fein ann, agus cha bu lion catha do na bh’ ann esan agus sul an robh uine aige air dioghbhail a dheanamh, bha e air an taobh bu bhoidhche de ’n chomhla aca a dh’ aindeoin mar a rinn e de spairn agus cha bu bheag e. “Thig air d’ ais an uair a thraoigheas an deoch,” dh’ eubh iad, an àm an doruis a ghlasadh air. Chaidh e ’na cheumannan breisleach sios an t-sraid. Bha de ro mheud na daoraich agus na corruich air agus gu ’n do shìn e air ursanan nan tighean a’ bhualadh, agus sgal eagallach agus sgreuch thar innseadh ’na cheann. ’Nuair a chuala na bha de dhaoine air an t-sraid e, shaoil leo nach b’ eagal bàs seach ruaig. ’Nuair a chunnaic e ’nan ruith iad, thug e ruathar ’nan deigh, agus bu luath leis tilleadh dhachaidh gus am faigheadh e a shath fola. Bha an sin an ruith air an ruaig agus an ruaig air an ruith. Mar sin da troimh shraid an deigh sraide, agus e gun amais orra ach a bhi an ionad fradhairc daibh. Ghreannaich air agus las air agus dh’ fhas e ni bu mhiosa uile agus sannt fola ag eiridh air agus gun a shasuchadh aige fein, o chionn cach ’bhi ’dol as air cho soirbh. Ach fa dheireadh ’s fa dheoidh, ri linn da dol seachad air buth far an robhas a’ reic mheasan, bhuail smuain ’na inntinn. “Nach ann ann an so a tha an te sin a’ comhnuidh a tha ’na ceann-fath do ’n naire dol orm? Biodh gur theab orm teachd suas leo sud nach faod mi tighinn uirre-se? Cha lughaide gur ann a tha i a nis!” Sios an t-sraid leis ’na dheann, na bothannan ’gan leagail agus am bathar ’ga sgapadh aige, agus an luchd-malairt a’ teicheadh roimhe. Nuair a bu lugha bha duil aige ris thachair e air an oigh a bha aige ’ga sireadh. Chlisg i, ach cha robh àm no farsuingeachd di gluasad. “Tha thu an sin, am bheil?” ars’ esan. “Foghnaidh mise dhut!”—a’ gearradh leum d’a h-ionnsuidh—ach leis an astar a bha air agus athair na poit’, thuit e air a mhargarsanaich agus e gun stad a’ dol air a bheul ach a’ buaileadh ’s a’ casadh rithe. Ghlaodh ise “Cobhair” ard a guth, agus bha siud aice a thiotadh. Cha d’ fhag a leannan i ach mionaid roimhe agus cha robh alt-ghalar ’na ghluintean a’ tighinn chuice. Chuir e a chas air lamh an fhir eile agus spion e aisde an claidheamh gun dragh, oir cha ’n ionann eiridh agus tuiteam do mhisgear. “Nessius á Byzantium,” ars’ esan, “a’ thràill a chuireadh saor le Bassus, is cunnartach dhut a leithid so de amaideachd. Cuimhnich air na Criosduidhean, gu ’m bheil iad lionmhor, agus gur mairg a thogadh am fearg.” Chunnacas gu ’n do bheanadh ri smior an duine. Bha a’ chuis a’ dol anns a’ mhuileann air. Chaidh e ann an ceo. Agus a bharrachd cha robh claidheamh no claidheamh aige a nis. Is fhearr striochdadh an uair nach ’eil tuilleadh air. “Co thusa, a’ shaoidh?” ars’ esan, “agus ciod e b’ aill leat?” “Caraid do Chandida a th’ annam, agus is leoir dut sin. Am bheil thu an duil gu ’m faigh thu ceartas o do mhaighstir ma ni thu sgeul air?” Bu bheag nach tug na briathran mu dheireadh gu ceill e. Is math a bha fhios aige nach deanadh a mhaighstir ach fior dhroch cheann do ’n fhear nach deanadh a riar no a dheanadh sgeul air. Labhair e gu h-athaiseach, leithsgeulach, ag iarraidh air Arsacius gun ghearan a chuir asteach air, agus ag radh nach robh dad aige fein no aig a mhaighstir an aghaidh Chandida. Ach is e a’ mhisg a thug air an uiread sin a radh. Thog e rithe, agus sathadh a null agus sitheadh a nall aige leis an iomcheist agus a’ phoitearachd. Cha ’n fhacas a rithisd e le ar cairdean, agus cha robh ionndrainn mhor ac’ air. Coma co dhiu bha fhios aig Arsacius gu ’n robh na thubhairt am poitear bun os cionn air fad leis an fhirinn; mur robh, ciod o a thug air a radh nach robh dad aig a mhaighstir an aghaidh Chandida, an uair nach deach ceisd sam bith a chuir air d’a thaobh sin? Chuir Arsacius roimhe gu ’n deanadh e curam agus freiceadan air a mhaldaig gach uair a b’ urrainn da. Bu bhliadhna leis gach la mar a thigeadh e an àm da an tigh ’fhagail anns a’ mhaduinn gu freasdal do a dhleasdanas, agus cha b’ ioghnadh dha. Mar a bha an cunnart anns an robh i a’ sior tighinn fo ’uidh anns an latha, cha robh na h-oidhchean a’ gabhail seachad air gun an cuid de an smuairean ’us an iomluasg. Oidhche de na bh’ ann agus gun aige ach cadal luaineach, mi-shuaimhneach, dh’ eirich aisling fa chomhair ’inntinn. Chunnaic e, air leis, an eaglais anns an robh ise ag aoradh air a sgrios agus air a leagail gu lar agus ise an iochdar, suaicheantas air droch mhanadh, agus rabhadh an eagail. Dhuisg e. Chaidh e an ceann a dhleasdanais la. An uair a bha sin seachad thug e an t-easbuig air o’n a bha gnothach aige ris, agus dh’ innis e da am bruadar a chunnaic e. Rinn an t-easbuig snodha-gàire, ag radh ris tamh a’ ghabhail agus gun cus oibre a dheanamh fad la no dha, aig meud an teas a bh’ ann aig an àm. A’ tionndadh ceum da o’n easbuig agus a’ cuir aghaidh air a chomhnuidh fhein, rainig e aite mor ceithir chearnach a bha an lar a’ bhaile far am b’ abhaist daibh comhdhail a chumail ri cheile, agus b’e so feasgar abhaisteach a’ chomhdhail. Ach cha robh i ann roimhe. Chuir e cuairt air an àite agus dh’ amharc e gu dluth ’s gu geur sios gach sraid. Chuairtich e uair eile e, ach cha robh i r’a faotainn thall no bhos. Bhuail e ’san inntinn aige gu ’n do thachair an tubaist. Thug e ’aghaidh a rithisd air a thigh fein. Thuit neoil inntinn air agus e gun fhios ciod a thainig rithe. Shaoil leis gu ’n robh uair ’ga luith, agus a bharra-mhanadh a mach air agus e ’na shuidh air fail chorraich. Bu treise air an oidhche na air an la a nis. Tharruing e a cheum agus gheuraich e gu dian air fein. Rainig e, ach ma rainig cha b’ i a bha ’na choinneamh ach seana bhean a bha ’cumail taighe da, agus litir aice air a shon. So na bha sgriobhte innte: “Failte agus mile o Bhassus gu Arsacius. “Cha ’n fhuilear nach bi e ’na thogail-aigne fothad a thuigsinn gu ’n d’ fhuair a’ bhean oirdhearc ud Candida, litir bheag—cha ’n ’eil uair o sin air ruith fhathast—a’ cuir mar fhiachaibh uirre gu ’n tainig e o a suiridhiche agus e ’na luidhe ’na thigh fein leòinte gu dona aig mortairean-fasdaichte Bhassius, agus feum ro mhor aige air a frithealadh. Cha bu deacair an sgeul a chuir ’na luidhe uirre. Buaireas a dothain uirre. Chuir i uimpe agus thug i uirre, ach an deigh di an ard dorus a dhunadh, rugadh uirre le suiridhiche eile agus b’ fheudar di dol leis aill ar n-aill leatha. Nach ann ort bha a’ mhearbhall an uair a bu doigh leat nach rachadh a mealladh air an t-seol so? Cha lughaide gur ann annad a tha a comhair fathasd. Nach curamach a’ chuis e? Tha a da roghainn aice: faodaidh i gabhail ’na mnaoi-dhiolain aig Bassus, no dol an dail an leomhan aige. “Oidhche mhath, chiatach gu ’n robh agad dheth, ’fhir mo chridhe!” (Ri leantuinn). Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh. Rinn Comunn Ileach Glaschu gniomh ionmholta air an t-seachdamh latha deug de Nobhember ’sa chaidh nuair a thog iad clach-chuimhne air uaigh an t-sar Ghàidheil nach maireann, Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, an clo-Bhuailtear Gailig, a chaochail anns a bhaile sin o chionn faisg air da bhliadana. Tha a chlach-chuimhne ann an cumadh Croise air a gearradh ’s air a dealbhadh anns an t-seann dòigh Ghàidhealaich. Tha i air a deanamh de ghraineal glas, aon troigh deug ’s ceithir òirlich a dh’ airde. Air aghaidh na croise, air an gearradh ann an litrichean maireannach, tha na briathran a leanas:— Mar Chomhara air am meas air an ceann-suidhe gràdhach nach maireann, GILLEASBUIG MAC-NA-CEARDADH, Clò-Bhuailtear Gàilig an Glaschu, Gàidheal Blàth-chridheach, Fialaidh, Fìor Charaid, Agus Sgoilear Gàilig Comharaichte, Chuir an Comunn Ileach agus Càirdean suas a’ Chrois so, air a leabaidh shuain, far am bheil e ’na chadal le a athair agus le a mhàthair, le a bhràthair agus le a pheathraichean. ’Na latha féin rinn e na b’ urrainn da, air son Ghàidheal ann an Glaschu agus ann an Ile. Molaidh Oibrean E. Rugadh e am Mai 27, 1850; chaochail e am Februaraidh l, l899. Fhuair iad so uile bàs ann an Creidimh.-Eabh. xi. 13 Air a cùl tha an sgriobhadh ceudna air eadar-theangachadh gu Beurla. Bha Mac-na-Ceardadh fad iomadh bliadhna na chlòdhadair Gàilig an Glaschu, mar a bha athair roimhe, agus mar a tha a mhac a dh’ fhàg e ’na dheigh. Bu mhath an airidh e air ainm a chumail air chuimhne. Bha e na fhios charaid do ’n Ghàidheal ’s do ’n Ghàilig, agus na dhuine caoimhneil blàth-chridheach a choisinn meas nan uile. Bhuineadh e do “Ile ghlas an fheòir,” agus cha b’ urrainn na h-Ileich gniomh a b’ fhearr a dheanamh na an t-urram so a chur air am fear-dùthcha. [TD 227] [Vol. 9. No. 30. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. Ganem. CAIB. I. BHA marsanta ann an Damascus a chuir, le curam agus le dichioll, moran beairteis cruinn. Bha e ’caitheamh a bheatha gu measail, cliuiteach, agus bha meas mor aig gach neach air. B’ e ainm Abou Aidhoub. Bha aon mhac agus aon nighean aige. B’ e ainm a mhic Ganem. Bha e ’na dhuine og dreachar, tlachdmhor ’na phearsa, agus bha buaidhean inntinn neo-chumanta maiseach air am buileachadh air. Bha na buaidhean so gu mor air am meudachadh fo theagasg nan daoine foghluimte a fhuair ’athair gu bhith ’g a theagasg. B’ ainm na h-ighinn Alcolomb, ainm a thugadh oirre a chionn gu ’n robh i cho fior mhaiseach anns gach doigh ’s gu ’n robh gach neach a chunnaic i a’ gabhail tlachd dhith. An uair a dh’ eug Abou Aidhoub, dh’ fhag e anabarr saoibhreis. Am measg nan nithean eile a dh’ fhag e, bha ceud luchd camhail de shioda agus de dh’ obair-ghreis anns a’ bhuthaidh, agus iad deas gus a bhith air an cur air falbh gu ruige Bagdad. Air gach paca dhiubh bha na briathran so sgriobhte, “A’ dol do Bhagdad.” B’ e Mohamed, mac Sholimain, do ’m bu cho-ainm Sinebi, a bha rioghachadh anns an am ann an Damascus, ceanna-bhaile Shiria. Bha e riaghladh fo laimh a charaid, Haroun Alrashid, a bha ’na chomhnuidh ann am Bagdad. Beagan uine an deigh bas ’athar, bha Ganem a’ comhradh ri ’mhathair mu dheidhinn nan gnothaichean a bhuineadh do ’n teaghlach, agus am measg nan gnothaichean eile air an d’ thug iad iomradh, thainig aca air bruidhinn air na luchdan bathair a bh’ anns a’ bhuthaidh. Agus dh’ fheoraich Ganem dhe ’mhathair ciod bu chiall do ’n sgriobhadh a bh’ air na luchdan bathair. “A mhic,” ars’ ise, “bu ghnath le d’ athair a bhith ’falbh uaireannan do dh’ aon duthaich, agus uaireannan do dhuthaich eile; agus bha e mar chleachdadh aige mu ’m falbhadh e a bhith sgriobhadh ainm a’ bhaile do ’n robh duil aige dhol air a h-uile paca ’bha e gus a thoirt leis. Bha h-uile deisealachd aige deante gus a dhol gu ruige Bagdad an uair a bhuail galair a bhais e.” Cha b’ urrainn i an corr a radh an uair a thainig bas a fir cho laidir thun a cuimhne, ach thoisich i ri sileadh nan deur ga frasach. An uair a chunnaic Ganem a mhathair cho tursach, thainig tioma air fhein mar an ceudna. Bha iad le cheile greis samhach; ach mu dheireadh an uair a dh’ fhalbh tomhas dhe ’n bhron bhar ’inntinn, agus a chunnaic e gu ’n do sguir a mhathair de shileadh nan deur, thuirt e rithe, “O’n a shuidhich m’ athair gu ’n rachadh e leis a’ bhathar do Bhagdad, agus o nach ’eil e nis beo gus deanamh mar a bha ’na run a dheanamh, ni mise deas gu falbh leis a’ bhathar do Bhagdad. Is e mo bharail gur fhearr dhomh falbh gun dail air eagal gu ’n teid am bathar a dholaidh, no gu ’n caill mi an cothrom air a reic ann an am gu buannachd mhath a dheanamh leis.” Bha gradh mor aig a mhathair do Ghanem, agus ghabh i ioghnadh gu leor an uair a chual’ i gu ’n robh e ’cur roimhe falbh. “A mhic mo ghraidh,” fhreagair i, “cha ’n urrainn mi gun do mholadh a chionn gu ’m bheil thu ’runachadh leantuinn air an obair a bh’ aig d’ athair. Ach feumaidh tu a thoirt fa near gu ’m bheil thu fhathast gle og, agus air bheag eolais is cleachdaidh mu dheidhinn gach sgios is uidil a dh’ fheumas tu fhulang a’ falbh o dhuthaich gu duthaich. A bharrachd air so, am bheil thu ’smaointean mise fhagail, agus mar sin an tuilleadh a chur ri mo bhron-sa, agus bron gu leor agam mar tha? Nach fhearr dhut gu mor am bathar a reic ri marsantan Dhamascuis, agus gabhail le buannachd riaghailtich, na do bheatha ’chur ann an cunnart le falbh air astar fada?” Cha robh feum sam bith dhi tennadh ri cur an aghaidh Ghanem. Cha tugadh a comhairlean air fuireach o dheanamh mar a bha e cur roimhe. Bha toil mhor aige falbh a shiubhal an t-saoghail, a chum gu ’m faiceadh ’s gu ’n cluinneadh e iomadh rud a bheireadh eolas is fiosrachadh dha, agus air an aobhar sin cha robh buaidh sam bith aig comhairlean a mhathar air. Chaidh e do ’n mhargadh, agus cheannaich e seirbhisich cho math ’s a bha ri fhaotainn. Thuarasdalaich e ceud camhal, agus an uair a fhuair e gach deisealachd a bha a dhith air air son a thuruis, dh’ fhalbh e comhladh ri coignear no sianar eile de mharsantan Dhamascuis a bha ’dol a reic ’s a cheannach gu ruige Bagdad. Eadar na marsantan, agus na seirbhisich, agus aireamh de luchd-turuis eile a bha falbh comhladh riutha, bha ’n aireamh cho mor ’s nach robh aobhar eagail sam bith aca roimh an luchd-reubainn a bha gu tric a’ spuinneadh luchd-turuis a bhiodh a’ falbh air an t-slighe gu Bagdad. Cha robh duiligheadas sam bith aca ri choinneachadh ach an sgios agus an uidil a bha ’tachairt ris gach uile sheorsa luchd-turuis a bhiodh a’ gabhail an astair. An uair a rainig iad Bagdad gu sabhailte, leig iad air dichuimhn’ gach sgios is uidil is allaban a thachair riutha air an t-slighe. Stad iad aig an taigh-osda bu mho agus a b’ ainmeile a bh’ anns a’ bhaile. O’n a bha toil aig Ganem tamh a ghabhail far am biodh fois is samhchair aige, an aite fuireach anns an taigh-osda mar a rinn cach, is ann a ghabh e taigh mor maiseach, agus garadh timchioll air anns an robh moran chraobhan maiseach dhe gach seorsa, agus tobraichean uisge. Ach dh’ fhag e am bathar anns an taigh-osda a chum gu ’m biodh e sabhailte. Beagan laithean ’na dheigh so, an uair a chuir Ganem dheth gach sgios is airsneul a bh’ air an deigh a thuruis, chuir e uime an deise cho math ’s a bh’ aige, agus chaidh e do ’n mharagadh anns am biodh na marsantan a’ reic ’s a’ ceannach. Bha seirbhiseach comhladh ris, agus paca aige dhe ’n t-sioda, agus dhe na h-aodaichean bu ghrinne na cheile. Ghabh na marsantan ris le mor urram. Agus cheannaich an t-ard mharsanta uaithe na bh’ anns a’ phaca gu leir, agus thug e dha a’ phris a dh’iarr e air a h-uile pios dhe ’n aodach. Lean Ganem mar so air reic o latha gu latha, gus mu dheireadh an do reic e a chuid bathair gu leir ach aon phaca. Thug e fa near am paca so a thoirt do ’n taigh anns an robh e ’fuireach. Agus an uair a chaidh e do ’n aite anns am biodh sluagh a’ bhaile ’cruinneachadh, thug e an aire gu ’n robh na buithean gu leir duinte. Chuir so ioghnadh anabarrach mor air agus an uair a dh’ fheoraich e ciod a b’ aobhar do ’n chuis, dh’ innseadh dha gu ’n do dh’ eug aon de na marsantan bu mho a bh’ anns a’ bhaile, agus gu ’n deachaidh na marsantan eile gu leir thun an tiodhlacaidh. Dh’ fheoraich Ganem c’ait’ an robh an eaglais anns am biodh iad ag urnuigh, agus as an tugteadh an corp a dh’ ionnsuidh na h-uaighe, agus an uair a dh’ innseadh dha far an robh i, chuir e an seirbhiseach air ais leis a’ bhathar, agus choisich e fhein a dh’ ionnsuidh na h-eaglais mu ’n do chuir iad crioch air na h-urnuighean, a bha air an cur suas ann an talla a bha comhdaichte le sioda dubh. An uair a thogadh an giulan, lean an luchd-daimh, agus na marsantan, agus Ganem e do ’n ait’ adhlacaidh a bha astar mor am mach as a’ bhaile. Bha ’n t-ait’ adhlacaidh air a thogail de chloich, agus bha mullach cruinn air. Bhuineadh e do theaghlach an duine a bha gus a bhith air a thiodhlacadh. O nach robh e mor gu leor gus na daoine gu leir a dhol a steach ann thogadh palliunnan mu ’n cuairt air far am biodh a’ chuideachd a’ gabhail fasgaidh fhad ’s a bhiodh an t-seirbheis a’ dol air aghart. An uair a dh’ fhosgladh an t-ait’ adhlacaidh, agus a chuireadh an corp ann, dhruideadh suas a rithist e. An sin shuidh an sagart, agus an luchd-frithealaidh eile a bhuineach do ’n eaglais ’nan sreith mu ’n cuairt air an lar-bhrat anns a’ phailliunn bu mho, agus rinn iad urnuigh. Leugh iad mar an ceudna caibidil dhe ’n Choran a bha freagarrach air son an aobhair. Shuidh an luchd-daimh agus na marsantan air a’ cheart doigh mu ’n cuairt air an culaobh. Bha e dluth air an oidhche mu ’n do chuir iad crioch air an t-seirbheis. Thoisich Ganem ri gabhail fadachd dhe’n t-seirbheis, gu h-araidh an uair a chunnaic e bhith ’cur bidh fa chomhair na cuideachd, mar cuimhne air an fhear a bha marbh, a reir a’ chleachdaidh a bh’ ann am Bagdad. Dh’ innseadh dha mar an ceudna gu ’n robh na pailliunnan air an cur suas, cha b’ ann a mhain a chum teas na greine a chumail o ’n t-sluagh, ach mar an ceudna a chum driuchd na h-oidhche a chumail uapa, o’n a bhiodh a’ mhadainn ann mu ’m b’ urrainn iad tilleadh do ’n bhaile. Chuir na briathran so dragh gu leor air Ganem. “Is coigreach mi,” thuirt e ris fhein, “agus tha mi fo ainm a bhith ’nam mharsanta beairteach; is docha gu ’n gabh na meirlich cothrom air a dhol do’n taigh agam feadh a tha mi air falbh, agus gu ’n toir iad leotha gach ni a bhuineas dhomh. Faodaidh e bhith gu ’n gabh mo sheirbhisich an cothrom air teicheadh leis na fhuair mi dh’ or airson a’ bhathair a reic mi, agus c’aite an teid mi air an toir?” Air dha bhith ’smaoineachadh mar so, dh’ ith e gu cabhagach beagan dhe ’n bhiadh a chuireadh f’ a chomhair agus dh’ fhalbh e gun fhios as a’ chuideachd. Choisich e cho cabhagach ’s a b’ urrainn e; ach mar is tric a thachair, mar bu mho a chabhag, is ann bu lugha bha e deanamh a dh’ fheum. Chaidh e iomrall anns an dorcha, agus bha e dluth air a’ mheadhain oidhche an uair a rainig e geata ’bhaile. Gu mi-fortanach bha ’n geata air a dhruideadh. Chuir so am barrachd dragh’ air an inntinn aige, agus cha robh aige ach feuchainn ri aite freagarrach fhaotainn anns an cuireadh e seachad an oidhche gus am biodh an geata air fhosgladh anns a’ mhadainn. Chaidh e do dh’ ait’ adhlaic a bha cho farsuinn ’s gu ’n robh e ruighinn o ’n bhaile a dh’ ionnsuidh an aite as an d’ thainig e. Ghabh e air aghart gus an d’ rainig e ballachan arda a bha timchioll air achadh beag, far an robh uaighean a bhuineadh do theaghlach araidh, agus anns an achadh so bha craobh phailme. Bha aireamh mhor de dh’ uaighean anns an ait’ adhlacaidh so, agus bha na dorsan aca gun druideadh. An uair a chunnaic Ganem gu ’n robh dorus na h-uaighe aig an robh a’ chraobh phailme fosgailte, chaidh e steach, agus dhuin e an dorus ’na dheigh. Leig e-fhein ’na shineadh air an urlar, agus dh’ fheuch e ri cadal, ach cha tigeadh norradh air, leis an dragh a bh’ air a chionn a bhith o ’n taigh. Dh’ eirich e bhar an urlair, agus bha e ’coiseachd sios is suas seachad air an dorus. Mu dheireadh thachair dha air thuiteamas an dorus fhosgladh, agus thug e an aire do sholus astar uaithe, a bha, a reir coltais, a’ tarruinn dluth dha. Chuir an sealladh so clisgeadh air. Dhuin e an dorus, agus gun dail dhirich e suas gu mullach na craoibh phailme, o’n a b’ e aite cho sabhailte gus e fhein fhalach ’s a bha aig laimh ’s an am. (Ri leantuinn). [TD 228] [Vol. 9. No. 30. p. 4] [Dealbh] BAS BAN-RIGH VICTORIA. Feasgar Di-màirt s’a chaidh, thainig an sgeula muladach gu robh Ban-Righ Victoria air a cuairt anns an t-saoghal so a chriochnachadh. Bha i tinn o chionn còrr us seachdain ach cha robh iomguin sam bith air a h-iochdarain no air a dlùth-chàirdean d’a taobh gu deireadh na seachdain s’a chaidh. Aig an àm sin thòisich i air a dhol ni bu mhiosa; lean i air tuiteam o latha gu latha an deigh sin, agus chaochail i aig leth-uair an deigh sia feasgar Di-màirt, a cheart latha de’n bhliadhna air ’n do chaochail a h-athair, Diuc Chent, ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon air ais. Ged a bha i anabarrach lag o’n a thòisich a tinneas, bha a tùr ’sa h-aithne aice gus na mionaidean deireannach, agus ghabh i beannachd leis gach aon de’n teaghlach a bha m’a timchioll, gu h-àraidh le Prionnsa Wales, a tha nise rioghachadh ’na h-àite. Cha ruigear a leas a radh gun do chuir bàs am ban-righ ghradhach mulad mor air iochdarain Bhreatuinn anns gach cearna dhe ’n t-saoghal, agus cha mhor cearna dhe’n t-saoghal anns nach eil iad. Ach cha ’n ann a mhain am measg a cuid iochdaran féin a tha mulad; tha duilichinn air sluagh ann an iomadh dùthaich eile. Tha fhios aca gu ro-mhath gu robh ban-righ Bhreatuinn riamh air taobh na sithe agus a’ cheartais, agus gu ’m b’ i bu mheadhon air an t-sith a ghleidheadh caochladh uairean a bha rioghachdan na h-Eòrpa a’ bagradh cogaidh. Cha’n eil teagamh air bith nach robh a bàs air a ghreasad leis a’ chogadh aimhealach a tha dol air adhart ann an Africa mu Dheas. Chaidh a chur an ceill dhi, nuair a thòisich an cogadh sin, nach biodhte fada ’ga thoirt gu crich, agus nuair a lean e cho fada ’s a bha sgrios cho mor a tigh’n o àm gu àm air an arm Bhreatunnach, ghabh i gu cridhe e. Bha i dhe’n bheachd gu robhas a’ cleth na firinn oirre ’sa cheud dol am mach agus cha toireadh i mathanas idir dhaibhsan a rinn a mealladh. Faodar a radh le firinn nach do shuidh riamh air cathair righ no ban-righ a choisinn, le deagh bheus agus le gliocas, urram agus meas sluagh ann an tomhas cho mor ri Ban-righ Victoria. Bha i air a chathair rioghail o chionn faisg air tri fichead us ceithir bliadhna—a chuid bu mhotha dhe’n naodamh linn deug, linn is iomraitiche ann an eachdraidh an t-saoghail—bha i air a chathair na b’ fhaide na bha urra rioghail air cathair ann am Breatunn o thùs a h-eachdraidh, agus re na h-ùine sin cha d’ thug i aobhar oilbheum d’a h-iochdrain ann am facal no an gniomh. Tha an crùn talmhaidh a nis air tuiteam bhar a cinn, ach tha dòchas againn gu bheil i a’ sealbhachadh crun nèamhaidh. Dhàsan a dh’ fhàg i mar oighre ’na deigh, agus a tha an diugh ’na righ thairis oirnn, Righ Iomhar a Seachd, cha ’n urrainnear guidhe ’s fhearr a dheanamh na gu’m meal e an crùn re iomadh bliadhna, agus gu’m bi e anns gach dòigh ’na righ cho glic agus cho math ’sa bha a mhàthair òirdhearc nach maireann ’na Ban-righ’nn. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Tha an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 229] [Vol. 9. No. 30. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha New Zealand an deigh pris ghiùlan nan litrichean a thoirt a nuas gu sgillinn, agus an deigh so faodar litir a chur á Canada do ’n dùthaich sin air son da shent. Bha stoirmeannnan mora sneachda ann an Ruisia mu àm na Bliadhn’ Uire. Bha mu thri mile pearsa air an cumail air treineachan fad dha no thri lathaichean; bha aon trein gun fhaighinn g’ a h-ionnsuidh fad seachdain. Bha so faisg air Sebastopol. Ann an Odessa bha sia fichead air an reothadh gu bàs. Thatar a togail soitheach-smùide ann an Sasunn gus a dhol air an aiseag aig Caolas Chanso. Bidh an soitheach sin cho mor ’s gu’ n giùlain i an t-each-iaruinn us ceithir carbadan cuide ris cruinn cothrom thar a’ chaoil; agus cha chuir an làn no an deigh stad sam bith oirre. Thig pris an t-soithich so as an da mhillean dolair a tha gu bhi air a chosg an cur an rathaid-iarrinn an uidheam na ’s fhearr. Tha an soirbheachadh a thainig air Sidni a reir coltais air deigh roinnean a dheanamh anns na h-eaglaisean. Tha paraiste na h eaglais Shasunnaich ri bhi air a roinn air a bhliadhna so, agus eaglais ùr ri bhi air a togail. Tha an coithional Baisteach air a roinn cheana; tha àireamh dhiubh a’ cur mu dheibhinn eaglais ùr a thogail, agus tha iad aig an àm so a a cumail seirbheis ann an Talla nan Daoin’ Oga, ’s an t-Urr. F. O. Weeks aca mar mhinistear. Tha na Boerich a tha ’cogadh fo ’n t-seanalair De Wett a reir coltais a’ tuigsinn nach eil ach aon chrioch gu tigh’n air a’ chath a tha iad a’ cur, agus cha ’n eil iad ach a’ feuchainn ris gach call is urrainn iad a chur air Breatunn. Tha buidheann dhiubh a sior fheuchainn ri Capetown a ruigheachd. Cha ’n eil fo De Wett uile gu leir ach mu sheachd mile fear, ach tha gach aon dhiubh ’na shaighdear treun, seòlta, agus mion-eolach air an dùthaich; tha mar sin cothrom mor aca air na saighdearan Breatunnach. Tha Citchener an deigh seachd mile saighdear a chur g’ an cumail air ais á Capetown. Tha coig mile saighdear deiseil gu falbh do Africa mu Dheas á Sasunn, agus tha deich mile eile ri bhi air an cur air falbh air an ath mhios. Cha’n urrainn muinntir Chanada a radh le cogais ghlan gu bheil iad a’ deanamh an ni a’s fhearr a dh’ fhaodadh iad ris na Sineich a tha tighinn d’an dùthaich. Tha an t-ard-riaghladh ’sa cheud àite a toirt air gach aon diubh ceud dolair a phàigheadh mu ’n cuir iad cas air tir, agus an deigh sin tha aca ri seasamh ri corruich sluaigh agus ri ana-ceartas lagha ann am barrachd us aon roinn de’n dùthaich. Ann am Montreal thatar a cur càin throm air gach aon dhiubh a chuireas suas taigh-nighe, agus mur urrainn dhaibh a’ chàin sin a phàigheadh, ’gan sparradh dh’ an phriosan. Cha’n eil teagamh nach eil na Sineich mar shluagh air deireadh oirnne ann an iomadh dòigh, ach ged a tha fhéin, bu chòir a bhi deiligeadh riutha beagan na ’s caoimhneile na thatar a’ deanamh. Cha’n ann le bhi cur uallaichean troma orra, no le bhi toirt ana-ceartas dhaibh a ghabhas iad toirt gu bhi ’nan sluagh na ’s fhearr. Tha na Geancaich a’ deanamh an aon fheum de eilean a bhuineas daibh anns a Chuan Chiùin ’sa tha na Breatunnaich a’ deanamh de St. Helena—’se sin ’ga ghnathachadh mar àite-fògraidh do ’n fheadhainn sin a tha gluasad muinntir nan eileanan Philippianach an aghaidh na Stàidean. Tha iad mar tha air àireamh oifigearan ’us mhuinntir an eilean ’fhogradh do eilean Ghuam. Tha Sir Tearlach Tupper air an t-seachdain so air a thurus do ’n t-seann dùthaich far am bheil dùil aige fuireach gu deireadh an earraich. Dh’ fhàg e as a dheigh, an laimh caraide, litir a dh’ ionnsuidh nan conservatives anns am bheil e ’gabhail beannachd leotha agus a’ toirt chomhairlean orra. Cha bhi an litir so air a leughadh no air a fosgladh gus an cruinnich a’ phàrlamaid ann an Ottabha. Tha riaghladh Chanada an deigh cur a dh’ iarraidh leth-cheud mile tunna guail do Philadelphia. Bha an guail ri fhaighinn air son an rathaid-iaruinn, agus aig an àm bha a’ chuid mhor de mhèinneadairean Nobha Scotia ’nan tàmh no a’ bagradh a dhol ’nan tamh na h-uile latha. Air sàileabh na strike mar sin bha luach an leth-cheud mile tunna guail sin de dh’ airgead na dùthcha so air a chur do na Stàidean. Chaidh dithis dhaoine a mharbhadh ri taobh an rathaid iaruinn faisg air Grand Lake feasgar Di-luain s’a chaidh. Bha iad ann an sgioba bha ’g obair an sin a’ dheanamh taobh-rathad. Leis cho cruaidh ’sa bha ’n talamh air reothadh, bhatar ag uisneachadh dinamite gus a chur as a cheile, agus b’ ann le cnapan dhe ’n talamh reota a bha iadsan air am marbhadh. Bha fear dhiubh, Alasdair Dùghlach, air a mharbhadh air ball; bha am fear eile, Coinneach Morse, beò gu maduinn an ath latha. Bha an Dughlach a mhuinntir na Narrows Mhora, agus Morse a mhuinntir Newfoundland. Bu daoin’ òga iad le cheile. Bha an trein a dol seachad aig an àm a bha ’n spraidheadh ann; chaidh spealg cloiche troimh thé dhe na h-uinneagan agus chaidh caol thearnadh air fear no dithis de ’n luchd-turuis. Tha muinntir na h-Alba anns na bliadhnaichean so air fàs anabarrach trom air an òl. Cha ’n eil dùthaich air an t-saoghal anns am bheilear ag òl uiread de stuth làidir, a reir àireamh an t-sluaigh; agus nuair a bheirear fanear an àireamh mhor nach eil a blasad air stuth làidir eadar da cheann na bliadhna, faodar a thuigsinn gu bheil iadsan a tha ris anabarrach trom air. Air a’ bhliadhna ’n uiridh bha còrr us ceud us da mhile dheug duine air an glacadh air son daoraich ’s mi-riaghailt. Ann am baile Queensferry bha ceithir duine deug as a’ cheud air an cur an greim. Tha so ’na ghnothuch muladach, agus ma leanas e, cha ’n fhada ’n ùine gus am bi deagh ainm agus cliù na h-Alba air a thoirt gu làr; oir cha ’n eil ni ann is luaithe bheir duine no dùthaich gu mi-chliù ’s gu neoni na misgeireachd. Ach tha dòchas againn nach lean an t-seann dùthaich air an dòigh so, ach gu ’n eirich i suas ’na neart ’s gu ’n cuir i as gu buileach do ’n nàmhaid so a tha ’ga bagradh. Cha do chisnich namhaid i riamh o’n thoisich a h-eachdraidh; cha chreid sinn gu ’m fuiling i a bhi air a cisneachadh le mac-na-braiche. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN Airson Sanas bho KELLY & DODGE, Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. [TD 230] [Vol. 9. No. 30. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXVII. ’S a’ cheart àm sin, cha robh n’ a bu lugha na dèich mìle fichead pund-Sasunach air a thairgse le Diùc-Uilleam air son ceann Thearlaich, gidheadh, cha robh an Albainn gu léir, neach a shanntaich an duais, ach aon duine, agus be sin Iain Caimbeul a Mhaim-Mhòir, duin’-uasal de theaghlach Mhic-Cailein, a bha na fhir nàmhaid do’n Phrionns’ bho’n chiad latha thainig e air tìr am Mùideart; air dha ’chluinntinn gu’n do theich am Prionns’ agus a luchd-leanmhuinn do dh’Irt, dh-fhalbh e le dà long-chogaidh agus ochd birlinnean làn feachda chum a ghlacadh. ’Nuair a chunnaic na h-Irtich an cabhlach a dlùthachadh ri tìr dh-fhalaich siad iad-féin ann an uamhannan nan creag agus cha b’ ann gu ’n spàirn a fhuair feachd a Chaim-beulaich ’n-an cainnt; ach ’nuair a fhuair dh-fharraid iad:—“C’àit an robh am Prionns’?” Thuirt na h-Irtich, “nach cual iad riamh iomradh air a lethid de dhuine, is nach mò chual’ iad facal mu chogadh, ach aon bhoireannach mòr Gallda da’m b’ainm Mòrag a bha cogadh ri Mac-Leòid, agus gu ’n cual’ iad gun do chaill i ’m blàr.” Feadh sa’ dh-fhan Tearlach ann an Uidhist, bha baintighearna Shir Alasdair Mhic-Dhòmhnuill Shléibhte ’cur phàipeirean-naigheachd da ionnsaidh anns am faigheadh e naigheachd na rìoghachd, ged’ a b’ ann air taobh an Diùc’ a bha Sir Alasdair féin. Fa-dheoigh thainig an t-am anns an d’ fhuair an t-arm-dearg brath gu ’n robh Tearlach anns an Eilean-fhada agus rùinich iad pairtidhean lionmhor sluaigh a chuir air tìr ann an iomadaidh àite de’n eilean, agus “gach cùil a’s ciall” a mhion rannsachadh a chum am fògarach rìoghail fhaotainn an làimh! ’Nuair a chuala baintighearna Shir Alasdair gun robh iad a’ dol air a thì, chuir i fios gu Uisdean Bhaile-Sear ann an Uidhist a Chinne-Tuath. An deigh do dh’ Uisdean an teachdaireachd so fhaotainn cha do leig e clò le rosg gus an d’ ràinig e Gleann-Biasdail far an robh am Prionns’ am falach. Tha mion-chunnas againn air an turas sin bho bhial Mhaistear Uisdean féin mar so sios:— “A thaobh an latha bhi fliuch agus ceòthach, thainig mi glé dhlù do ’n bhothan mu’n tug iad an airre dhomh, dh’innis fear de’n chuideachd do ’m b’ àinm Ailean Dòmhnullach co as a thainig mi, agus co mi; anns a’ mhionaid chuir am Prionnsa’ fàilt’ a’s furan orm, agus thuirt e gun robh e ro thoilichte gnùis duine chòir fhaicinn an àite cho leth-oireach, aonrach. Bha e air èideadh ann an cota-gearr breacain agus siste-cota dheth an aodach chianda a fhuair e bho bhainntighearna Mhic-’Ic-Ailein, feileadh goirid de bhreacan sgàrlaid, osanan de chatas garbh màdair agus brogan baltach, fraocharanach; bha churac-òidhche balla-bhreac le sile-sùithe, (no mar a theireir ann an cuid de dh’ àitean snithe-dubh) bha léine, aodann, agus a làmhun dubh leis an ni chianda, agus fhiasag gun bhearradh mu leth-oirleach air fad. ’Nuair a shuidh mi féin sa’ bhothan dh’iarr e drama chuir mu’n cuairt, an deigh dhuinn slige an fhir a sguabadh ás do réir cleachdadh nan Gàel, chureadh an dinnear air clàr. Mu’n robh sinn deis de’r biadh, co thigeadh a steach ach fear Bhaosdail agus be chiad seanachas a thuirt e “gun b’ fhearr deireadh cuirme na toiseach sabaid,” agus thòisich e air ithe “gun chuireadh gun altachadh.” Thaitin a chuis sin ris a’ Phrionns’ gu fior mhath agus thuirt e nam be is gun dìreadh esan gu bràth a chathair, gum biodh aon dinnear Ghàelach aige maille ri chàirdean ann an Lunnainn. “Cha ’n eil mi buileach cinnteach mu ’n chùis sin,” arsa fear Bhaosdail; “chuir am fear bho ’n tàinig mise, Dòmhnull-Dòmhnullach (Mac-’Ic-Ailein) seachd blàir ann an aobhar an fhir on bhuineadh tusa (Raibeart Brus) ach an deigh gach caoimhneis cha leigeadh Rìgh Tearlach air gu faiceadh se e ’nuair a ruigeadh e lùchairt. “O, Fhir Bhaosdail,” ars’ am Prionns’, “na bi garbh suathadh seanna chreuchdan, ma gheibh mise mo chòir air ais cha tréig mi na Gàeil gu bràch.” An sin mu ’n do thar mise mo theachdaireachd fhìn a chuir an céill dh’innis fear-Bhaosdail gu ’n robh prasgan sluaigh a dol do Bharra air tì am Prionns’ a cheapadh. Dh’ fharraid am Prionnsa, “Cia as a thainig an sluagh sin.” Thuirt fear-Bhaosdail gum bu Leòdaich agus Dòmhnullaich iad a thàinig as an Eilean Sgiathanach. Air dha sin a chluinntinn thuirt e nach robh eagal sam bith aige rompa a thaobh gu ’m bu Ghàeil iad. An sin chuir mis’ an céill le mòr shaidealtas mo theachdaireachd fhìn bho Bhaintighearna Shir Alasdair, oir bi’dh cuid de dhaoine leisg air droch sgeul’ innse. Bha ’m Prionnsa nise lan dhearbhta gu ’n robh e ann an gàbhadh mòr agus gum b’ iomchaidh dha Gleann-Biasdail fhàgail; gidheadh, cha robh fìos aige féin no aig a chàirdean ciod an làmh air an tionndaidheadh iad. Co-dhiù, chaidh iad ann am bàta, (air a cheathramh latha diag de mhìos mheadhonach an t-Shàmhraidh) agus dh’ iomair iad i gu ruig Eilean-Bhia far an dh’ fhan iad ceithir òidhche. Air an ochdamh latha diag de’n mhìos, chaidh am Prionnsa, O’Neill, agus Imhear Burc, do Ros-Innis, agas dh’ fhàg iad Dòmhnull Mac-Leòid, agus O’Suilibhan ann an Eilean-Bhia. Air an turas sin dh’ fhan Tearlach dà òidhche ann an Rosinnis, far an deach innse dha gu’n robh prasgan de Chaimbeulach Earra- Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 231] [Vol. 9. No. 30. p. 7] Ghàel a gabhail na slighe gu Beinne-Mhaol, uime sin smaointich e gum ’b’ fhearr dha pilleadh air ais do Choradal. A nise bu chruaidh-chest cia mar a dheanadh e sin; bha bàtaìchean Fineach nan Caimbeulach a dol air an ais agus air an aghaidh ann an caolas Bhia, far an dh’fhàg am Prionns’ a bhàta féin. Co dhiù, ’nuair a dhorchnaich an òidhche, thainig Dòmhnull Mac-Leòìd, agus O’Suilibhan do Rosinnis, agus ghabh iad a staigh am Prionns’ agus an dithis chompanach eile do ’n bhàta. Air dhaibh a bhi ’g iomradh suas gu Còradal, chunnaig iad dà long-chogaidh, agus a chum na nàimhdean a sheachnadh, chaidh iad a staigh do ’n Acarsaid-shalaich, faisg air Uisinish far na ghabh iad tamh rè na h-oidhche. Chaidh am Prionns’ a laidhe ann an lagan creige, air a shuaineadh ’na bhreacan agus a bhonaid air a tharruinn sios air a shùilean. Ghluais iad as a sin moch sa’ mhadainn an ath latha, agus dh’ imir iad suas gu ceanna-deas Uidhist, los dol a steach do loch-Baosdail, far an robh iad an dùil tachairt ri Fear-Bhaosdail a chum fuasgladh air pàirt de an uireasbhuidh, ach cha b’fhada chaidh iad gus am fac iad dà long eile, agus chum iad sin a sheachnadh, ghabh iad tearmunn fad an latha ann an geobha creige, thaobh is nach bu chomas daibh a dhol n’a b’ fhaide air an aghaidh gu ciaradh na h-òidhche. Mu òidhche ghabh iad a cuan agus dh’iomair iad gu math: m’a mheadhon òidhche chaidh iad a steach bun Loch-Bhaosdail. Air dhaibh a dhol gu tìr, sgìth, fann, acrach, rainig iad làrach seanna chaisteil far na shònraich iad a’ chuid a bha rompa de’n òidhche chur seachad. ’Nuair a bha iad a beothachadh teine air son na suipeireach a dheanamh réidh, thug Dòmhnull Mac-Leòid an aire do dhà long-chogaidh tacan beag a mach uapa. Thug Tearlach agus dithis de na daoine buinn às suas do’n mhonadh; agus ghluais càch leis a bhàta gu ceann shuas an locha. Ghabh an luingeas seachad gu’n tighinn an còir an fhearainn, agus thàinig na fògaraich bhochda aon uair eile an ceann a chéile, ach bha iad rè dha òidhche an deighe sin gun a dol fo dhruim taighe, ach ’n-an laidhe fo fhasgadh bhun an tuim, agus seòl a bhàta tharais orra. An deigh sin chaidh Dòmhnull Mac-Leòid gu taigh Bhaósdail, agus phill e air ais ann an ùin’ ro ghearr le naigheachd nach bu ro thaitneach le Tearlach a’ chluinntinn; gun robh fear Bhaósdail an làimh aig na Sasunnaich, air son a bheagain caoimhneis a nochd e dha cheana: gidheadh, a dhain-deoin gach cùis chuir bean Bhaosdail, ceithir searragan branndaidh agus goireas eile a dh’ionnsaidh Thearlaich le Mac-Leòid. Air an treas òidhche chaidh iad n’a b’fhaide air an aghard gu ceann shuas Loch-Bhaósdail far an dh’fhan iad fad dà òidhch’ eile, ann an so chual iad gun robh an luchd-tòrachd air iathadh mu’n timchioll air gach làimh. Air ball thriall Tearlach gu Beinne-Mhaol a’ giùlan leine fo gach achlais, agus cha leigeadh e le duine dhe a luchd-leanmhuinn an t-slighe so a ghabhail maille ris, ach O’Neill a mhainn. Réir mar bu chuimhne le Domhnull Mac-Leòid, b’ann air a cheathramh latha fichead de mhìos mheadhonach an t-Sàmhraidh a ghabh am Prionnsa (faodaidh mi radh) a chead siorruidh, de’n triùir dhaoine dealaidh a dhlù-lean ris fad ochd seachduinean fo iomadh gàbhadh agus dosgainn. Mun do dhealaich e riu thug e tastan ’s an latha an fhir mar thuarasdal do na ràmhaichean. Do bhrigh nach robh do dh’ airgead aig’ air a shiubhal na phàigheadh Dòmhnull Mac-Leòid as ’s as, thug e dha dreachd air tri-fichead pistol, (bonn òir Spainteach a tha cho math ri sia-tastain diag a’s sia-sgillinn,) a bha gu bhi air a phàigheadh le duin’ uasal da ’n b’ainm Iain Hay; cha d’fhuair Mac-Leòid cothrom riabh air an dreachd a nochdadh do ’n duin’-uasal sin a chum an airgeid a tharruinn; air an aobhar sin cha d’ fhuair Dòmhnull Mac-Leòid sgillinn fathast air son na dh’ fhuilig e chruadal maille ri Tearlach, gidheadh cha chualas e riabh a’ gearan no caoidh air son a shaoithreach! Am Fear-gnothuich. Thigeadh e dhachaidh gu h-anmoch ’san oidhche, agus bhiodh e a mach gu moch ’sa mhaduinn, agus cha bhiodh latha dhe ’n t-seachdain aige ’na thigh fhéin ach Di-dònaich, agus chaitheadh e a’ chuid bu mho dhe ’n latha sin a’ leughadh nam paipearan. La àraidh thainig e dhachaidh ni bu tràithe na b’ àbhaist, agus chunnaic e a’ chlann a’ cleasachd mu ’n dorus. Rinn fear de na gillean beaga rud eigin as an rathad, agus smachdaich ’athair e. Thainig an gille stigh gu mhàthair ’s e a’ caoineadh. “A mhàthair,” ars esan, “bhual am fear ud mi.” “Co am fear ud?” arsa ’mhàthair ris. “Tha am fear a bhios ann an so Di-dònaich,” ars an gille. Chaidh fhaoighneachd de dhuine bha ’dol a dh’ ionnsuidh na croicbe gu de a’ cheud cheum a thug e air slighe na droch-bheairt. Fhreagair e gu ’m b’ e fear-deasachaidh a chur as a chuid fhéin—pris da bhliadhna dhe ’n phaipeir. Aon uair ’s gu ’n d’ rinn e sin, bha a leithid de ghreim aig an deamhan air ’s nach b’ urrainn da a chrathadh dheth. A reir àireamh na bliadhna ’n uiridh tha 76,295,000 sluaigh anns na Staidean, agus tha ainbhfhiach na dùthcha cho mor ’s na ’m biodh i air a roinn eatorra gu’m biodh direach coig dolair dheug aig gach duine, bean us pàisde ri phàigheadh. Chaidh tigh-eiridinn fhosgladh ann am Belgium air a bhliadhna dh’ fhalbh air son leigheas na caitheamh. B’e ’n dòigh air an robhas a dol ’ga leigheas gun bhiadh sam bith a thoirt dhaibh-san air an robh i ach feòilamh. An ceann beagan mhiosan b’ fheudar an tigh a dhùnadh; cha robh eifeachd sam bith anns an dòigh leigheis a bhatar a cleachdadh ann. Ma tha thu air son do chàirdeas a nochdadh dha d’ charaid, cha’n eil dòigh anns an fhearr an urrainn dhut sin a dheanamh na MAC-TALLA chur uige fad bliadhna. Cha chosg e dhut ach dolair agus bheir e do chàirdeas gu cuimhne do charaid gach uair a ruigeas e e—leth-cheud uair ’sa dha ’sa bhliadhna. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan etc. Aonghas Mac Leoid. Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 232] [Vol. 9. No. 30. p. 8] Rainn do Mhac-Griogair. LE MR. SEUMAS MAC-GRIOGAIR, D. D. Tha mo chiabhan air glasadh, ’S mo ghruaidhean air casadh; Gu bheil fiaras is airsneul ga m’ leon. Mi bhith ’g iargain a chinnidh Gus an trialladh gach filidh A rinn m’ àrach ’s mi ’m ghille beag òg. Bu sibh m’ airm, bu sibh m’ aodach, Is mo chuilbheirean caola, Is mo bhoghachan daor’ air dheagh neoil. ’Dheagh Mhic-Griogair nam bratach, Gan robh gliocas is pailteas, Tha thu ’n ciste chaoil ghlaiste fo ’n fhòid. B’ ann dhe d’ fhasain air uairibh Crùn datht’ ’thoirt do Ruairidh, Agus aodach ùr, uasal, mar ròs. Nuair a dhìreadh sibh ’m bruthach ’S a ghlaodh’ sibh bàrr giubhais, Gu ’m biodh luchd nan ad dubha fo leon. Bha mi ’n làthair an latha ’N robh do bhràithrean is t’ athair Far an d’ fhàg sibh nan laighe luchd-chleoc. Ann an geata Rois-Duibhe, Far an do sheasamh do bhuidheann, ’S iad gun eagal, gun phudhar, gun leon. Luchd bhualadh nam buillean, Far ’m bu chruaidh air cach fuireach; Bu leibh uachdar is urram gach gleois. ’S e bu dual dhuit o d’ sheanair ’Bhith gu buaidheil, deas, fearail; Ann an cruadal gu ’n leanadh sibh ’n toir. Chaidh na laghannan cruaidhe a bha an aghaidh Chloinn-Ghriogair a chur air cùl ’sa bhliadhna 1734. Ghabh na Griogaraich an sin an ainm fein. Aig a cheart àm ghabh 824 dhiu ri Iain Mac-Griogair an Lanraic mar cheann-cinnidh. Chaochail an triath so sa bhliadhna 1852. ’S ann an sin a rinneadh na rannan a thug sinn seachad. Oran Connsachaidh Eadar Fear agus Bean mu ’n Ol. LE BARBARA FHRISEAL. ISE. Is tric ag amharc sios mi, Làn miothlachd mu fhear mu thaighe; Ach ma chaidh thu ’m fiadh orm, M bhriathar cha mhath an naidheachd. Gu ’n d’ fhalbh thu moch Di-ciaduin Dh’ òl fiona do Bhail’ na h-amhunn; ’S gu ’m faodadh tu bhith lionte Is nàraicht’ air miad do phathaidh. Ma ’s tu bha ’cumail féill ann, Bu gheur thu gu gnothach tapaidh; ’S ma ’s tu a bha ga h-eigheach Bha feum ort ann o chionn seachdain, A cumail sluaigh ri ’cheile, ’S na ceudan diu ann ri ’m marcaid; ’S an àm dhaibh a bhith sgaoileadh Gu saoithreachail a toirt pas dhaibh. ESAN. O, fire-faire ’Bharbara, ’S mi-dhealbhach dhuit a bhith fanaid, ’S mi ’g òl do dheoch-slàinte ’S gach àit ’sam biodh i ri ’ceannach. O’n a dh’ fhalbh gach tàbhairn, ’S gach pàirtidh ’bh’ ann o chionn tamuill, ’S mithich teannadh làmh-riut, Bi bàighail ri duine falamh. ISE. ’S mi nach h-fheil ga t’ iarraidh, Cha ’n fhiach leam do chaitheamh-beatha; Gu ’m faoduinn-sa ’bhith eolach Mu ’n phòca nach deanadh gleidheadh. Sud an rud a leon mi Mo stòras ’bhith feadh nan taighean, Ga chaitheamh leat gu ròpach An stòpan de ’n uisge-bheatha. ESAN. A bhean tog dhiom de d’ thuaileas, Cha chualas gu ’n robh mi misgeach; Is bheir mi rogha duais’ dhuit, ’S na luaidh e ged tha mi ’nis ann. Nuair ’thachradh rium fir aoibhail ’Bhiodh caoimhneil rium le ’n cuid licair, Mur ceannaichinn fhìn ’s mur pàighinn, Cha b’ àirde na ’n ceard am meas mi. ISE. O! cha do dh’ iarr mi riamh ort ’Bhith crion ann an àite duine, Ach ’bhith mar fhear de chàch Ged bu chàrt a bhiodh air gach urra. Ach on ’s e t’ fhasan-s’ pàigheadh ’S gach aite ’san dean thu fuireach; ’S giorra gu mor ’bu chàra dhuit Tàmh am mach air do thuras. ESAN. ’Bhean tog dhiom de d’ ghòraich’, ’S mi brònach an déidh mo dhibhe; ’S daor an ceannach dhomh-s’ Air do stòras na ni thu bhruidhinn. Cha ’n fhaigh thu fear gun duais bhuait ’Theid suas air Bealach-an-ruighe; ’S ma ’chuireas tu a sios fear Gu ’n iarr e ort airgiod dibhe. ISE. Is mor a b’ fhasa dhomhs’ Airgiod stoip ’thoirt do mo sgalaig Na thusa a bhith ’n còmhnuidh An seomrichean ’g òl nan galan. O’n tha thu ’d dhuine pòsd’ Cha bu choir dhuit a bhith ri breamas, A cur cuid dhaoine coire Le goraiche anns gach bairill. Gleann-a-Mailidh. LE CAIPTIN PADRUIG CAIMBEUL. Fagaidh mi ’m baile ’san t-samhradh, Is theid mi do ’n ghleann againn fhìn; ’S tillidh sinn dhachaidh ’sa gheamhradh A chumail nam Frangach bho thir. ’S ann againn tha ’n gleannan ’tha uaigneach; Cha ’n fheil cho neo-luaineach ’san tir, Cha ’n fhaicear leinn duin’ ann ach buachaill’, Is brogaich a cuartach’ na frìth. Nì sinn ann cur agus cliathadh, ’S cha treabh sinn am bliadhna le crann; A mhaduinn bidh againn gu iasgach, ’S am feasgar gu fiadhach nam bean. Gheibh sinn ann cnothan is caorann, Is gheibh sinn ann braonain gu leoir; Bidh dearcagan-fithich air fraoch ann, ’S cha téid sinn ’n tràigh mhaoraich ri ’r beo. Bha Pàdruig Caimbeul na ’chaiptin anns an Reisimeid Duibh. Bha e na shealgair ro mhath. Chaochail e aig Gearasdan Ionar-Lòchaidh ’sa bhliadhna 1816. Cha do phòs e riamh. Chaidh fear Seumas Scott, mèinneadair, a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn Chaledonia mu dheich uairean maduinn Di-luain s’a chaidh. Thuit torr chlach air agus e aig obair. Bha e ann an suidheachadh gle iseal an deigh a thoirt dhachaidh, ach tha choltas air gu ’m faigh e thairis air. Tha e leth-cheud bliadhna dh’ aois. “A dhuine, ’dhuine!” arsa Calum Ruadh, “nach iongantach leat an saoghal, ’s a h-uile rud a tha air uachdar. Cha ’n fhaca tu riamh rud cho iongantach ris!” DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. GIBHTEAN NOLLAIG. Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets, Lockets, Dressing Cases, Bataichean le cinn oir. ANNS AN STOR AIG—K. BEZANSON. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE, 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. [TD 233] [Vol. 9. No. 31. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 1, 1901. No. 31. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. IX. “CHA ’N ’EIL FALACH AIR AN OLC ACH GUN A DHEANAMH.” NA biodh cùram oirbhse nach fhaigh sibh a h-uile rud a bhios feumail dhuibh an uair a bhios sibh a’ dol a phosadh,” ars’ am maor ’s e tionndadh ris an triùir a b’ òige dhe na h-igheanan. “Tha mise ’creidsinn gu ’n cuir bean an Uachdarain plangaidean agus aodaichean gu leòr eile dhachaidh a h-uile bliadhna. Cha ’n fhaodar Anna ’leigeadh air falbh as an taigh ro lom a dh’ aodach-laidhe. Feumar an nighean a’s sinne a chur air a taigh ’s air a taigheadas cho math ’s cho dòigheil ’s a ghabhas deanamh. Cha bhiodh meas aig daoine oirnn mur deanamaid so.” Thionndaidh am maor ri Seonaid, agus thuirt e, “A nis, a Sheonaid, ma rinn thu dhe ’n t-saoghal e, dean greim air Aonghas Fionn air aon dòigh no dòigh eile, agus theid mise am bannadh dhut nach bi do thochradh dad air dheireadh air an tochradh a gheibh Anna.” An uair a chuala, Seonaid so, dh’ fhas a h-aodann gu math ruighteach. Ach ge b’ e air bith freagairt a thug i air a h-athair, cha chuala na fir a bh’ aig an uinneig ceart ciod a thubhairt i. Fhreagair Mòrag, an te a b’ òige dhe ’n teaghlach, agus thuirt i, “Bha Aonghas Fionn agus Domhull Beag aig an taigh mu thràth suipearach. Bha toil gu leòr aig Aonghas a bhith greis a’ comhradh ri Seonaid; ach o’n a dh’ iarr sibh fhein gun leigeadh le daoine a bhith mu ’n cuairt an taighe, b’ fheudar do Sheonaid iarraidh air a dhol dhachaidh. Tha mise cinnteach nach do chòrd sid ris idir.” “Fan samhach, a chreutair mhosaich. Cha teid fosadh air do bheul ach ag innseadh a h-uile rud a chi agus a chluinneas tu. Cha stad thu dhe d’ innseagan gus an cuir thu thu-fhein agus daoine eile ann an crois,” arsa Seònaid. “Cha ruig thu leas, a Sheònaid, a bhith ’g a àicheadh; bha mi fhein ’s an éisdeachd an uair a bha e ’bruidhinn riut, agus dh’ aithnich mi air nach robh e toilichte,” arsa Mòrag. Cha d’ éisd Seònaid an corr; ach thug i buille mhath do Mhòraig anns a’ cheann. Thòisich Mòrag ri caoineadh. O’n a b’ i a b’ òige, bha ’n teaghlach gu léir a’ deanamh mòran dhith. “Is beag orm fhein Aonghas Fionn,” arsa bean a’ mhaoir. “Cha teid fois no dìobradh air a latha no dh’ oidhche ach a’ magadh air cuideiginn—cleachdadh cho suarach ’s a b’ urrainn a bhith aig duine sam bith, biodh e òg no sean.” “Na bi thusa ’g ràdh a leithid sin idir, ’Una,” ars’ am maor. “B’ fhearr leamsa greim a dheanamh air na air Tearlach. Nam pòsadh e Seònaid, cha bu mhisde sinn idir e. Tha ’athair ann an seirbhis an Uachdarain o chionn ùìne fhada, agus tha meas mòr aig an Uachdaran air. Faodaidh an t-Uachdaran sin; oir bha, agus tha, e ro dhìleas dha. Far am bheil seirbhiseach dìleas, bidh meas aig a mhaighstir air an comhnuidh.” “Ma tha e cho math agus cho dìleas ’s a tha thu ’g ràdh, is neonach an gnothach gu ’m bheil daoine ’gearain air cho tric ’s a tha iad,” arsa bean a’ mhaoir. “Nach iongantach leamsa na beachdan a th’ agadsa, ’Una. Nach math a dh’ fhaodadh fios a bhith agad gur ann mar is dìsle a bhios seirbhiseach dh’ a mhaighstir is mò a ni daoine eile de chàineadh air. Tha ambrus laidir agam gu ’m bheil muinntir na dùthchadh so anabarrach math gu bhith ’faotainn beum do gach coigreach a thig a dh’ fhuireach ’nam measg. Is ann a tha cuid dhiubh mar gu ’m biodh iad a’ smaointean nach bu chòir fear sam bith a bhith ann an dreuchd ach fear dhiubh fhein. Tha mise ’creidsinn gu ’m bheil iad ’g ar ruithne sìos mar a tha iad a’ ruith sios dhaoine eile. Ach is e feuchainn ri cur suas leis a h-uile dìmeas is cùl-chàineadh a ni daoine oirnn gnothach a’s glice dhuinn gu mor. A dh’ aon chuid, cha ’n ’eil sinn ’nan taing. Is e ar gliocas cumail ann an dlùth chairdeas ri Domhull Hearrach. Ma bhios sinne réidh ris, bidh sinn réidh ris an Uachdaran. An uair a bhios an t-Uachdaran agus Domhull Hearrach comhladh ’s a’ bheinn-sheilg, bidh moran comhraidh eatorra mu thimchioll gach ni a tha ’tachairt air an oighreachd. Agus ge b’ e neach air am bi meas aig Domhull, faodar a bhith cinnteach nach cuir e dad cearr as a leith ris an Uachdaran. Tha Domhull Hearrach a nis greis mhath aoise; agus bha e ’g innseadh dhomh an latha roimhe, gu ’m bheil a fhradharc a’ dol air ais glé mhòr. Ann am bliadhna no dhà eile, cha bhi de fhradharc aige na dh’ aithnicheas na féidh seach na creagan. Faodaidh tusa ’bhith cinnteach gur e Aonghas a chuireas an t-Uachdaran a shealg nam fiadh an àite ’athar. Cha ’n aithne dhomhsa teaghlach eile air an taobh so dhe ’n dùthaich a’s fhearr dheth na teaghlach Dhomhuill Hearrach. Tha taigh math, seasgair aca, agus tha biadh is annlann gu leor aca aig gach àm dhe ’n bhliadhna; agus cha ’n aithne dhomhsa teaghlach eile a’s fhearr aodach laidhe agus éirigh na iad. Ged is mòr am facal e, tha mi ’creidsinn gur i bean Dhomhuill Hearraich an aon té a’s fhearr gu calanas a tha eadar dà cheann na dùthchadh. Bidh i trang aig calanas moch is anamoch is meadhain latha. Cum thusa suas ri Domhull, a Sheonaid. Ma gheibh thu greim air, bidh d’ aran fuinte. Ged a tha Tearlach ’na dhuine òg cho dreachar ’s a th’ anns an dùthaich, cha ’n ’eil e faisge cho glic ’s cho deanadach ri Aonghas. Dean greim air gun dàil, a Sheonaid. agus cha ’n eagal nach fhaigh thu do chuid dhe na h-aodaichean a thig dhachaidh an ath bhliadhna.” Cha robh na briathran so a labhair am maor mu Thearlach Ruadh a’ còrdadh ris a’ mhnaoi idir, agus thuirt i, le guth frithir, “Fan samhach, Alastair. Na bi ri bruidhinn gun tùr air an dòigh sin. Cha do ghlaodh mo chridhe riamh ri Aonghas Fionn. Mar a thuirt mi mar tha, cha teid dùnadh air a bheul ach a’ deanamh spòrs is fanaid air cuideiginn. Esan an cabairneach gun toinnisg! C’ aite am bheil e coltach ri Tearlach ann an dòigh sam bith? “Sin agad gille air am bheil meas mor agamsa—Domhull Beag mac Sheumais. Cha ’n ’eil aon fhear eile ’tighinn rathad an taighe cho modhail ’s cho iomchuidh ris. Na ’m bithinnsa ’nam nighinn òig, dheanainn roghainn dheth air thoiseach air fear sam bith eile a’s aithne dhomh. Cha chluinnear e a’ cur buille air neach sam bith. Cha ’n fhaicear piob thombaca ’na bheul, agus idir cha ’n fhaicear e ag òl anns an taigh-òsda. Gille glic, deanadach mar a tha e, theid mi an urras nach bi éis air té sam bith a phòsas e, fhad ’s a sheasas a shlàinte ris.” “So, so; foghnaidh dheth an drasta. Bithibh a’ gabhail a laidhe. Is leasg leibh eirigh. Feumaidh mise na h-aodaichean so a phasgadh,” ars’ am maor. Gun dàil sam bith dh’ fhalbh Aonghas is Domhull o’n uinneig. Bha Aonghas an dùil gu ’m faigheadh e cothrom air an lòsan a chur ’san uinneig mar a bha e roimhe; ach bha eagal air gu ’n cluinneadh an fheadhainn a bh’ anns an t-seòmar e. An uair a bha iad a’ dol seachad air cùl an taighe, thug iad an aire gu ’n robh solus á uinneag na clòsaid. “Tilleamaid feuch am faic sinn ciod e tha na h-igheanan a’ deanamh,” ars’ Aonghas. “Tha mi coma ged a thilleadh. O’n a tha sinn ris an olc o’n thainig an oidhche, tha e cho math dhuinn an t-earball a leigeadh leis a’ chraicionn,” arsa Domhull. An uair a ràinig iad faisge air an uinneig, ciod a b’ iongantaiche leotha na an ceathrar nighean agus am màthair fhaicinn ann am meadhain torr mòr de dh’ aodaichean agus de sheadhlaichean dhe gach seòrsa, agus iad a’ cur air leith dhaibh fhein a h-uile pìos aodaich, agus a h-uile seadhail a b’ fhearr na chéile a chitheadh iad. O nach robh aodach ris an uinneig, cha b’ urrainn do na gillean a dhol cho dlùth oirre ’s gu ’n cluinneadh iad ciod e bha na boirionnaich ag ràdh. Chuir a h-uile rud a bh’ ann a leithid de mhi-chiataibh orra le chéile ’s nach b’ urrainn daibh fuireach far an robh iad na b’ fhaide. An uair a choisich iad greis air adhart ’s gun iad ag radh facal leis a mhi-chiataibh a chuir gnothaichean a’ mhaoir ’s a theaghlaich orra, thuirt Aonghas, “Ciod i do bharail a nis air a’ mhaor ’s air a theaghlach?” “Bha barail mhath gu leòr agam orra gus an nochd; ach ma bha, cha bhi tuilleadh. Mur b’e na chunnaic ’s na chuala mi o thuit an [TD 234] [Vol. 9. No. 31. p. 2] oidhche, cha robh anns an t-saoghal na bheireadh orm a chreidsinn gur e sid seòrsa daoine a th’ annta.” “Ach smaoinich thusa air cho stòlda ’s a shuidheas iad sid anns an eaglais air Di-domhnaich. Saoilidh tu nach ’eil daoine air an talamh cho naomha ’s cho beannaichte riutha. Gabh thusa beachd air a’ mhaor a’ cheud latha bhios tu anns an eaglais, agus chi thu mar a chrathas e a cheann a h-uile uair a chluinneas e briathran a chòrdas ris, ma ’s fhior—direach ma ’s fhior. Sid an dòigh a th’ aige air a bhith ’feuchainn ri toirt air daoine a chreidsinn gu ’m bheil e ag éisdeachd le toil ’s le tlachd ri facal Dhé air a leughadh ’s air a shearmonachadh. Ach ma tha e ’na fhear-éisdeachd an fhacail, tha e soilleir gu leòr dhomhsa agus dhutsa nach ’eil e ’na fhear chur an gniomh an fhacail. Tha mi fhein dona gu leor, agus tha fhios aig a’ Chruithfhear gu ’m bheil; ach cha ghoidinn aodaichean nam bochd ged a gheibhinn an saoghal mu ’n iath a’ ghrian. Tha mise ag ràdh riut, a Dhomhuill, nach pòsainn té seach té de nigheanan a’ mhaoir ged a gheibhinn peighinn agus leith an domhain leatha. An latha ’phòsas mise agus tusa, tha mi ’n dòchas gu ’n toir gach fear dhinn eun a nead ghlain. Is e am fortan fhein a chuir rathad an taighe sinn an nochd. An cual’ thu fhein mar a bha ’n truilleach suarach duine ud ag iarraidh air Seonaid greim a dheanamh ormsa? Ged a bheireadh a mathair a’ chomhairle ud oirre, cha chuireadh e ioghnadh sam bith orm; oir tha màthraichean, mar is trice, anabarrach math gu iasgach ghillean do ’n cuid nighean. Feumaidh tusa, ’Dhomhuill, a bhith air d’ fhior fhaicill. Tha meas mòr aig bean a’ mhaoir ort, agus ma chuireas i fhein agus Catriona na dubhain annad, cha rachainn an urras nach glacadh iad thu.” (Ri leantuinn.) Sgeul air Gaol ’us Gaisge (Air a leantuinn.) CHAS Arsacius ’fhiaclan air a cheile. Dh’ fhairich e a chridhe ag eiridh air. Mhothaich a’ bhean-tighe da agus crith anns gach ball air. Dh’ fheoraich i mar a bha. “Cha teic olcas,” ars’ esan; agus mallachd agus eascaoin ’gan guidhe aige eadar na fiaclan. Ach cha robh feum dha teannadh ris na guidheachan, agus cha b’e am fear nach d’ aithnich e. Cha d’ rinn e dad ach asteach leis agus breth air claidheamh Nessuis a bha am braigh an doruis. Bhuail e a mach air an dorus, a’ dol ’na dheann an taobh a bha tigh Bhassuis, a’ cuir roimhe gur esan a nis a bhuaileadh dorn air thapachd, agus gu ’n toireadh e a mach dioghaltas, oir cha bu lag an duine e ri uchd cruadail mar a dh’ innseadh cheana. Cha robh ann ach anam aon neach a mhain, ach nan robh anam agus fichead aige dh’ iomaireadh e iad uile ris, sul an leigeadh e an aisge leis an gniomh uamharra. Cha sàruichear agus cha ’n fhairtlichear air an fhìor-ghaol, agus bha an claidheamh ri thaobh a’ cuir misnich agus spionnaidh ann agus e a’ dararaich ri ’acfhuinn eile. Rainig e. Mar a bha duil aige bha an ard dorus dùinte. Thug e cuairt air an tigh. Cha robh ri fhaicinn ann ach uinneag bheag agus ceithir croinn uirre, agus i mar fhad seachd troidhean o’n lar. Ghearr e leum an àrd chuice so, claidheamh eadar fhiacail, chuir e a neart ris na croinn, ach cha robh stath dha. Tharruing e iad agus spiol e iad, ach ged a bhiodh e ’gan tarruing fathast, cha tigeadh iad leis. Fa dheireadh thuit e gu lar air bhainidh agus gun ruigsinn aige air Candida. Thug e an ath-chuairt air an tigh. Ciod e a th’ agad air ach gu ’n robh an ard-dorus fosgailte. Dhil-bheachdaich e air, agus shaoil leis nach bu chomharradh math air a ghnothuch e. Ciod a bu bhrigh da? Ribe gun teagamh, ach cha robh tiom fuireach ann. Chaidh e air a chorpagaibh thar na sraide. Cha robh fios no eolas an tighe idir aige. Ghabh e suas an staidhre—an dorchadas a’ comhdachadh gach ni. Cha chualas guth no cagar. Stathuinn bheag eile air aghaidh da.—Aite na marbhan. Dhruid e tamull eile anios. Chuir e dheth an “atrium” (no an talla) agus ghabh e an t-urlar an sin suas roimhe. Rainig e trannsa agus an sin chuala e am fuaim sin air an robh e cho eolach o chian—gearan an leomhain. Ged a bu mhanadh na h-eiginn e bu rabhadh gu fuasgladh, ach b’e cùram a b’ fhearr feum fathast. Gach feith agus rudan air a theinnead, an claidheamh togarrach agus a roinn deas, ealamh, furachair. Dranndan seoganach an leomhan ’na chrith chruaidh a rithisd. Theann e goirid do ’n chuirt mheadhonaich. Dh’ fhosgail e an dorus. Sealladh na dunach! Candida ceangailte ri colbh-eas agus cuideachd leomhan mor, aidhbheil ceangailte ri bacan le slabhraidh, agus bha de fhad an t-slabhraidh gu ’m faodadh e, cha mhor, ise ’sgriobadh le ’ionga. Cha bu ruith da ach leum a sios chuice. Chuala e aig a cheart àm an dorus mor ’ga dhunadh le gleang. Bha e ’na phriosunach aig Bassus! Cha b’ ionnan dol gu a thigh agus teachd as, agus bu bheag duil a bha aige gu ’n diongnadh e as a sin gu brath. Chuala e an gaire sgeigeach, an-iochdmhorach; cha robh fhios aige cia as da, ach dh’ aithnich e gu math gur e gaire a namhaid e, mu ’m faodadh a radh:— “Na gheibh e ’na dhorn, Cha reic e air or; Ri gul no ri deoir Cha ’n eisd e.” Chaidh an duine bochd ’na ruith ann an sas a leannain, agus an duil gu ’m b’e siod an oidhche mu dheireadh dha a faicinn. Cha bu luaithe a rainig e i na thuit i seachad ann an neul, agus gun suim aige ’ga chuir anns an leomhan dh’ fhuasgail e i agus leig e ’na luidhe gu seimh sios air an urlar mharmhor i. “Do bheatha, ’Arsacius,” arsa glaodh ard a thug air sealltuinn suas; b’e Bassus a bh’ ann, ’na sheasamh air grianan no lobhta air aon taobh de ’n chuirt. “La na dunach,” ars’ Arsacius ris fein, ged nach do leig e dad air ris an fhear eile. “Is fada o’n a bha mi ag altachadh le slainte dhut, ach rainig mo chothrom air fa dheireadh. Ciod e thug ort an uinneag ’fhiachainn, agus gu ’m bheil dorus agam fein ri m’ thigh? Cha ’n e an uinneag rathad duine chòir.” “Is briagha an la an uair a ni am madadh-ruadh searmoin,” arsa Arsacius ris fein. “Cha b’ iongnadh leam ach thu,” arsa Bassus, a’ leantuinn roimhe. “Ach mar is mo a’ chuideachd is ann is fearr an lan-aidhear. Bu truagh, craite gun thu shios agam an sin gus gu ’n cuirteadh oidhche chridheil seachad leat aig an leomhan, agus an uair a bu leir dhomh do dheigh air faighinn asteach, thainig orm an dorus ’fhosgladh agus cuireadh balbh a thoirt dhut mar sin.” “Cha ’n ’eil agad ach a bhi ’bruidhinn, a’ shlaoightire,” arsa Arsacius, “ach tha doigh agamsa nach ionnann.” Agus thionndaidh e cul ris gun an corr feart a thoirt air, ach a’ fiachainn ris an oigh mhaisich a thoirt chuice fein. Ach cha robh Bassus buidheach sgeig fathast. “Na bi cho baoghalta agus a h ath-dhusgadh sin,” ars’ esan, “leig leatha bàsachadh gun fhios ’fhagail aice idir. Thoir fanear fad mionaid mar a tha a’ chuis. Olc air mhath leat, is e thusa is culaidh-bhuird dhomh a nochd. Is math a bhuail e ’nad cheann tighinn. Cha bhitheadh an cluich iomlan mur bitheadh thusa ann. Feuch fein an t-slabhruidh! Chaidh a ceann (a tha ’na fhail iaruinn) a chuir mu ’n cholbh iaruinn a tha ’n sin. Cha ’n ’eil agam ach dol sios gus an t-seomar uachdrach agus an colbh sin a thoirt a bhan agus gheibh am beisd fuasgladh. Cha ’n fhaic duine sam bith thusa no ise a’ dol bas ach mise, oir thug mi air a h-uile traill agam an tigh ’fhagail fodham an nochd. Feuch riut a nis! Air ’fheobhas ge ’m faighear thu, cha mhor gaisge a ni thu an nochd. Rinneadh dearmad bidh agus dearmad dibhe air a’ bheisd fad seachduin, agus is e deoch de d’ fhuilsa a chaisgeas ’iotadh air tus. Theirig ris.” An uair a chuala Arsacius gu ’n robh gach duine a mach thog e an og-bhean ’na ghairdean foghainteach, agus thug e an dorus air; ach ma thug, mo thruaighe, bu chianail a mhealladh e. Cha rachadh an dorus fhosgladh ach o’n taobh a muigh. Ann an coileach an t-sruth daibh. Bha an leomhan a’ toirt sineadh eagalach air an t-slabhruidh, agus an colbh a’ dol sios a lion beagan agus beagan. “Ged a rachainn sios,” ars’ esan ris fein, “cha deanainn feum air an ainmhidh. Co shamhlaicheadh e fein ri a leithid de bheisd; ach dh’ fhaodainn te de na spogan a ghearradh dheth fhad ’s a tha e air an t-slabhruidh.” Chaidh e beagan cheumannan air ’aghaidh. Thuit an colbh as an t-sealladh agus dh’ fhuasgladh an leomhan. Thainig am beist chuige, ach cha ’n ann da leum. Thog an laoch roinn a’ chlaidheimh ris. Ach an an aite ’fhiaclan a chuir ’na ghairdean is ann a rinn e sodail ris, chuir e a dhruim air bhogha, ag iarraidh a chniodachadh, agus a dh’ aon fhacal a’ leigeil air gach comharradh aithne agus aoibhneis is abhaisteach do na beistean. B’e a bh’ ann fear de na beistean a bha aige fein ri ionnsachadh anns an àm a chaidh seachad. Threoraich Arsacius an leomhan do ’n fhuaran, agus thoisich e cho dian sin air ol agus gu ’n do shaoil le a mhaighstir gu ’n robh an fhirinn aig Bassus a thaobh an dearmad dibhe a rinneadh air. Thog e Candida air fras-mhullach a ghuailnean agus cha robh bhuaithe a nis ach cia mar a rachadh an dorus ’fhosgladh. (Ri leantuinn). Ga Thoirt gu Ceill. Aireamh mhath bhliadhnaichean air ais bha fear Rob Carruic a’ cumail banca ann an aon do bhailtean na h-Alba. Bha e ’na dhuine anabarrach beairteach, agus bha e cho cruaidh ’sa bha e beairteach. Bhatar a togail taigh-eiridinn anns a bhaile, agus thainig dithis dhaoine far an robh e aon latha dh’ fheuch ciod an t-suim a bheireadh e mar chuideachadh air son a thogail. Chuir e sios ’ainm air son da ghini. Thuirt fear de na daoine gu robh sin gle bheag. “Cha’n eil, cha’n eil,” arsa Carruic, “cha’n urrainn domh an còrr a sheachnadh!” Chaidh na daoine an deigh sin gu Wilson, fear de na marsantan bu mhotha bha ’sa bhaile; agus air dha-san na h-ainmean ’s na suimeann a bha air an cur f’an comhair fhaicinn, thuirt e “An [TD 235] [Vol. 9. No. 31. p. 3] ainm an aigh! an e da ghini na thug Carruic dhuibh?” Thuirt na daoine ris gu ’m b’e, agus dh’ innis iad dha mar a thuirt e nach b’urrainn e ’n còrr a sheachnadh. “Deanaibh stad beag, a chàirdean,” arsa Wilson, “bheir mise ’n duine gu thùr fhéin an ùine gle ghoirid.” Sgriobh e an sin air paipear beag a thug e á leabhar òrduigh air banca Charruic, a’ tarruinn na h-uile sgilliun a bha aige air riabh ann, deich mile punnd Sasunnach. An ceann choig mhionaidean bha Carruic far an robh iad ’s ’anail ’na uchd leis a’ chabhaig. “Ciod e tha cearr?” ars esan ri Wilson. “Cha’n eil sion cearr ormsa,” arsa Wilson, “ach dh’ innis na daoine so dhomh nach b’urrainn dhut-sa sheachnadh air son togail an taigh eiridinn ach da ghini. Smaoinich mi air ball gu robh rud-eigin cearr, agus chuir mi romham mo chuid airgeid a thoirt as a’ bhanc’ agad gun dàil sam bith air eagal gu robh e gu bristeadh!” Thug Carruic am peann as a laimh, ’s rug e air paipear nan ainm. Dhubh e as an da ghini, agus sgriobh e sios leth-cheud ’na àite. An sin shrac Wilson an t-òrdugh, thilg e dh’ an teine e, agus dh’fhag e ’chuid airgeid am banca Charruic mar a bha e roimhe. SGEULACHDAN ARABIANACH. Ganem. CAIB. II CHA bu luaithe a bha e shuas anns a’ chraoibh na chunnaic e, le cuideachadh an t-soluis a chuir an t-eagal air, triuir dhaoine tighinn do ’n ait’ adhlacaidh. Dh’ aithnich e air an eideadh a bh’ orra gu ’m bu sheirbhisich a bh’ annta. Bha fear dhiubh air thoiseach agus lainntear aige, agus bha ’n dithis eile ’falbh na dheigh agus ciste throm aca air an guaillean anns an robh mu choig no sia troidhean a dh’ fhad. An uair a leig iad a’ chiste air lar, thuirt fear dhiubh, “A bhraithrean, ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, fagaidh sinn a’ chiste ann an so, agus tillidh sinn do’n bhaile.” “Cha till, cha till,” arsa fear eile, “cha b’ e sin a dh’ aithn ar banamhaighstir dhuinn; mur dean sinn mar a dh’ aithneadh dhuinn, is docha gu’m bi aobhar aithreachais againn. Cuireamaid a’ chiste fo’n talamh mar a dh’ aithneadh dhuinn a dheanamh.” Dh’ aontaich an da sheirbhiseach eile gu ’n deanteadh mar a dh’ aithneadh. Thoisich iad ri cladhach na talamhainn leis na h-innealan a thug iad leotha air son an aobhair. An uair a chladhaich iad domhain gu leor, chuir iad a’ chiste anns an t-sloc, agus an uair a chuir iad an talamh air a muin mar a bha e roimhe, thill iad dhachaidh. Chuala Ganem ann am mullach na craoibhe a h-uile facal a bh’ eadar na seirbhisich, agus cha robh fhios aige ciod a theireadh e mu dheidhinn a’ ghnothaich a bh’ ann. Ach thuig e gu ’n robh ni eiginn luachmhor anns a’ chiste, agus gu’n robh aobhar sonraichte aig an neach do ’m buineadh i air son a tiodhlacadh anns a’ chladh ud. Ghrad chuir e roimhe gu ’m faigheadh e ’mach ciod a bh’ anns a’ chiste. Thainig e nuas as a’ chraoibh cho luath ’s a dh’ fhalbh na seirbhisich, agus gun eagal sam bith air. Thoisich e ri cladhach le ’lamhan ’s le ’chasan cho math ’s a b’ urrainn e, agus ann an uine gun bhith fada, leig e ris a’ chiste. Ach fhuair e gu ’n robh i glaiste le glas-chrochaidh. Chuir so dragh gu leor air, ach cha do chaill e a mhisneach. An uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, thug e an aire gu ’n robh cnapaich chlachan dluth dha. Thog e te dhiubh, agus bhrist e a’ ghlas leatha, agus ghrad dh’ fhosgail e a’ chiste. Ghabh Ganem ioghnadh anabarrach an uair, an aite airgiod fhaotainn anns a’ chiste, a fhuair e boirionnach innte cho maiseach ’s a chunnaic suil duine riamh. An uair a chunnaic e a dreach, an ruthadh a bha ’na gruaidhean, agus cho nadarra ’s a bha a h-anail am mach ’s a steach, thuig e gu ’n robh i beo; ach cha b’ urrainn e thuigsinn ma ’s ann ’na cadal a bha i, cia mar nach do dhuisg i leis an fhuaim a rinn e an uair a bha e ’bristeadh na glaise. Bha ’n trusgan a bha uimpe cho riomhach, agus bha na lamh-bhannan ’s na daoimein cho luachmhor, agus bha na neamhnuidean a bha m’ a h-amhaich cho mor ’s nach robh teagamh sam bith aige nach b’ e te de dh’ ard mhnathan uaisle na cuirte a bh’ innte. An uair a chunnaic Ganem am boirionnach maiseach so, cha b’ e mhain gu ’n do ghabh e truas dhith, agus gu ’n robh e gu nadarra toileach cobhair a dheanamh oirre ’na h-eiginn, ach dhuisg faireachdainean laidir eile suas ’na chridhe nach robh e aig an am a’ tuigsinn a thug air gach cuideachadh ’na chomas a dheanamh leis a’ bhoirionnach og mhaiseach a bha ’na laidhe anns a’ chiste fa chomhair. Dhuin e an toiseach geata an ait’ adhlacaidh a dh’ fhag na seirbhisich fosgailte; agus an uair a thill e, thog e a’ bhean uasal as a’ chiste, agus leig e na sineadh air an talamh i. Cha bu luaithe a leigeadh ’na sineadh i, agus a dh’ analaich i an t-aile glan na thoisich i ri sreartaich, agus ri gluasad a cinn. An sin thoisich i ri cur am mach na deoch phuinnseanta a bh’ air a stamaic. Mu dheireadh thoisich i ri fosgladh ’s ri suathadh a sul agus ri gairm le guth a thaitinn gu mor ri Ganem, air an t-sianar mhnathan-frithealaidh a bh’ aice air an ainm, agus ri radh. “C’ar son nach ’eil sibh ’g am fhreagairt? C’ait’ am bheil sibh?” Bha ioghnadh oirre nach robh na mnathan-frithealaidh ’g a freagairt. Ach mu dheireadh an uair a sheall i mu’n cuairt, agus a thug i an aire gur anns an ait’ adhlacaidh a bha i, bhuail an t-eagal i. “Ciod is ciall dha so?” ars’ ise, le guth ard, “am bheil na mairbh air eirigh? Am bheil lath’ a bhreitheanais air tighinn? Nach iongantach an t-atharrachadh so o fheasgar gu madainn!” Smaoinich Ganem nach bu choir dha a’ bhean uasal fhagail na b’ fhaide anns an iomacheist anns an robh i, ach gu’m b’ fhearr dha e fhein a dheanamh aithnichte dhi gu modhail, measail, iomchuidh. “A bhaintighearna,” ars’ esan, “cha ’n urrainn domh innseadh cho toilichte ’s a tha mi gu ’n do thachair dhomh a bhith an so a chum seirbheis a dheanamh dhut, agus gus gach cuideachadh a tha ’nam chomas a thairgseadh dhut anns an t-suidheachadh eigionnach anns am bheil thu.” A chum gu’n cuireadh a’ bhean uasal a h-earbsa ann, dh’ innis Ganem dhi an toiseach co e, agus cia mar a thachair dha bhith anns an ait’ ud. A rithist dh’ innis e dhi mar a thainig an triuir sheirbhiseach leis a’ chiste agus a thiodhlaic iad i. Chuir a’ bhean uasal srol air a h-aghaidh cho luath ’s a chunnaic i Ganem, agus thuig i gu math gu ’n do chuir e fo chomain mhoir i, agus thuirt i ris, “Tha mi taingeil do Dhia a chionn gu ’n do chuir e neach cho fiughail riutsa gus mo shaoradh o’n bhas, ach o’n a thoisich thu air an obair charanta so, tha mi ’guidhe ort gn ’n cuir thu crioch gu math oirre. Guidheam ort rach do ’n bhaile, agus faigh fear aig am bheil miuileid a chum gu ’n toir e mi anns a’ chiste so do ’n taigh agad fhein; oir ma theid mi do ’n bhaile g’ am chois, aithnichear air mo thrusgan nach mi aon de mhnathan cumanta a’ bhaile, agus faodaidh neach eiginn an aire thoirt dhomh agus mo leantuinn. Tha e ro fheumail dhomh nach fhaigheadh sluagh a’ bhaile fiosrachadh sam bith mu m’ dheidhinn. An uair a bhios mi ’na do thaigh fhein, innsidh mi dhut co mi, agus mar a thachair dhomh gus a so. Aig a’ cheart am faodaidh tu bhith cinnteach gu ’n do chuir thu comain air neach a tha gle thaingeil dhut.” Mu ’n d’ fhalbh Ganem, thug e a’ chiste as an t-sloc, agus chuir e an talamh air ais ann mar a bha e roimhe. Chuir e a’ bhean uasal anns a’ chiste, agus dhuin e i air a leithid de dhoigh ’s gu ’n saoileadh daoine nach do bhristeadh a’ ghlas riamh. Ach air eagal gu ’m biodh i air a tacadh, cha do dhruid e a’ chiste cho dluth ’s nach fhaigheadh an t-aile a steach innte. An uair a chaidh e mach as an ait’ adhlacaidh, dhruid e an dorus ’na dheigh. Agus o’n a bha geata ’bhaile air fhosgladh, fhuair e na bha dhith air ann an uine ghoirid. Thill e gun dail do ’n ait’ adhlacaidh, agus chuidich e am fear aig an robh a’ mhiuileid gus a’ chiste a chur tarsuinn air a muin. Agus air eagal gu ’n gabhadh e amhrus sam bith mu ’n chuis, thuirt e ris, gu ’n d’ thug fear eile a’ chiste do ’n ait’ ud an oidhche roimhe sid, agus o ’n a bha cabhag mhor air gu ’m b’ fheudar a fagail anns an ait’ adhlacaidh. Fad na h-uine a bha Ganem ann am Bagdad roimhe sid, bha inntinn suidhichte gu buileach air a’ ghnothach a thug do ’n bhaile e, agus riamh gus a sid cha d’ fhairich e bioragadh dhe ’n ghaol. Ach a nis bhuail e gu trom e. Cha robh e an comas dha amharc air a’ mhnaoi uasail oig gun fhaireachadh gu ’n robh e air tuiteam ann an gaol oirre. Fhad ’s a bha e air an rathad eadar an t-ait’ adhlacaidh agus a thaigh fhein, bha eagal air gu’n eireadh beud do ’n chiste, no gu’n tachradh tubaist sam bith dhaibh leis an cailleadh e a’ choir a bh’ aige oirre, agus thug so air gu ’n do thuig e gu’n d’ fhuair an gaol greim daingean air. Bha e anabarrach toilichte an uair a rainig e dhachaidh agus a chuireadh a’ chiste gu sabhailte steach do ’n taigh. An uair a dh’ fhalbh am fear aig an robh a’ mhiuileid, thug Ganem air fear dhe na seirbhisich an dorus a dhruideadh. Dh’ fhosgail e ’chiste, agus thug e ’bhean uasal aisde. Threoraich e air laimh i d’ a sheomar fhein, agus e leigeadh ris dhi gu ’n robh truas aige rithe air son na deuchainn a dh’ fhuiling i anns a’ chiste. “Ma dh’ fhuiling mi moran,” ars’ ise, “tha toileachadh gu leor agam anns na rinn thusa air mo shon, agus ann a bhith nis saor o chunnart.” Ged a bha ’n seomar aig Ganem lan de dh’ innsreadh luachmhor, cha b’ ann air a bha ’h-aire ach air an duine ghrinn, thlachdar, mhaiseach a thug a saorsa dhi. Shuidh i air langsaid, agus a chum gu ’n leigeadh i ris do Ghanem gu ’n robh i ro thaingeil dha air son na seirbhis a rinn e dhi, thug i an srol bhar a h-aghaidh. Bha Ganem, air an laimh eile, a cheart cho taingeil air son na h-urram a chuir a’ bhean uasal mhaiseach air an uair a rinn i so, agus lan thuig e gu ’n robh e air tuiteam ann an trom ghaol oirre. Ciod sam bith cho mor ’s a bha i fo chomain dha, bha e ’smaointean gu ’n robh e phaighte gu leor le sealladh dhe ’h-aghaidh fhaotainn. (Ri leantuinn). [TD 236] [Vol. 9. No. 31. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 1, 1901. Nach beag suim a thatar a’ gabhail de dhùthchannan America mu Dheas! Bha aimhreit agus cogadh eadar Chili agus Peru air a’ gheamhradh so, ach ’se àireamh gle bheag de luchd-leughaidh nam paipearan aig an robh fhios air. Feumaidh sinn aideachadh nach robh cuimhn’ againn fein air, agus gur e thug gu ar cuimhn’ aig àm so e, gu’n do thachair dhuinn fhaicinn gu robh iad a bruidhinn air cumhachan sithe dheanamh. Tha muinntir Halifacs aig an àm so an dòchas gu bheilear a’ dol a thòiseachadh air togail shoithichean anns an acarsaid sin. Tha muinntir baile St. John ’san dòchas cheudna dha ’n taobh féin, agus faodar a radh gu bheil muinntir a’ bhaile so an dòchas gur ann a thoisichear air togail nan soithichean ann an Sidni. ’Se an duine bhios beò a chi, ach ’si bharail chumanta gu ’m bithear a’ togail shoithichean ann an aon air choireigin de na tri puirt sin mu ’n teid moran ùine seachad. Dhiùlt Van Wyck, àrd-bhàillidh baile mor New York, a bhratach a chrochadh aig leth-chrann air talla a bhaile an deigh sgeula-bàis Victoria a chluinntinn. Chuireadh an duine so an dreuchd leis a chomunn dhroch-ainmeil sin a tha aig an àm so a riaghladh a bhaile, Tammany Hall. Cha’n eil Van Wyck a dheanamh mar a rinn e, air an aobhar sin, a cur miothlachd sam bith air na Breatunnaich. Tha iad a’ meas gur fhearr a bhi as aonais deagh-rùintean Thammany, agus nach b’urrainn esan a tha air an ceann urram bu mhotha chur air ar ban-righ nach maireann na nochdadh, mar a rinn e, gu robh e ’na dhearg nàmhaid dh ’i. Tha Ban-righ Victoria ri bhi air a caradh fo’n fhòd am màireach (Di-satharna). Air a h-iarrtus féin bidh an tiodhlacadh air a dheanamh a reir nòs an airm. Bidh àireamh mhor mhiltean de na saighdearan a làthair, agus bidh an corp air a ghiùlan dh’ ionnsuidh na h-uaghach air carbad gunna-mhòir. Bidh an latha air a chumail air feadh na h-impireachd air fad mar latha bròin, ni a tha gle iomchuidh, oir ma bha urra rioghail riamh air thalamh a b’ airidh a caoidh, b’e ’n urra sin Victoria. Bidh an tòrradh air a dheanamh le greadhnachas nach fhacas ’àicheadh riamh roimhe, ach cha ’n iad-san a mhàin aig am bi àit anns na buidhnean greadhnach sin a bhios a cur urram oirre-se tha marbh. Bidh a cuimhne cùbhraidh ann an cridheachan mhilleanan anns gach cearna dhe’n domhan, agus cha ’n ann a chionn i bhi mor agus cumhachdach, ach a chionn i bhi, o thùs gu crioch a beatha ’sa rioghachaidh, mar mhnaoi agus mar bhan-righ, ’na deagh eisimpleir dhaibhsan a bha beò ri a linn fein agus dhaibhsan a bhios beò anns gach linn ri teachd. Tha sinn an dochas nach ’eil am fathunn, gu bheil plàigh (bubonic plague) air bristeadh am mach ann an Africa mu Dheas, fior. Tha a phlàigh na nàmhaid moran na’s eagallaiche na ’n cogadh. ’Nuair a tha cogadh air a chumail suas ùine fhada ann an duthaich theth mar a tha Africa mu dheas, far a bheil an t-uisge gann, agus cuirp nan daoine agus nan each a grodadh fo theas laidir na greine cha’n ’eil dad a’s cinntiche na gu ’m bi tinneas am measg nan saighdearan. Bha e air aithris o chionn treis a dh’ uine gu robh a phlàigh ann an Durban agus ann an Capetown; agus ma tha e fior gu bheil i air bristeadh am mach an aiteachan eile dh’ fhaodadh gun tigeadh crioch gu h-aithghearr air a chogadh, agus sin ann an dòigh ris nach robh mor dhùil. Tha Seumas Mac-Gilleain, Rathad a Chleirich, a sgriobhadh ugainn mar a leanas, agus tha sinn a creidsinn nach eil e ’g radh facal nach fhaodadh na ceudan de chinn theaghlaichean eile a radh mu ’n timchioll féin. Mar is motha ni MAC-TALLA ’s an dòigh so, ’s ann is fhearr, oir ’se beothachadh agus cumail suas na Gàilig is priomh aobhar air a bhi ’ga chur am mach, agus cha’n eil seòl a’s fhearr air sin a dheanamh na a bhi teagasg do ’n chloinn ’s do’n òigridh a bhi leughadh na cainnt mhàthrail ’sa gabhail tlachd innte. Tha Mr Mac-Gilleain ag radh: “Tha ur paipear a’ deanamh feum mor na m’ theaghlach-sa. Tha ceathrar chloinne agam, an t-aon a’s sine ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois, agus an t-aon a’s òige ochd bliadhna. Leughaidh gach aon dhiubh a’ Ghailig gu math, ged nach d’ fhuair iad leasan riamh, no cuideachadh o neach sam bith, ach le iad fhein a bhi feuchainn ri bhi leughadh a phaipeir Ghailig. Thòisich iad aig na Sanasan an toiseach, an sin thug iad dh’ ionnsuidh nan naigheachdan, agus an deigh sin an leughaidh eile, gus an nise nach eil àireamh dhe’n phaipear a tigh’n dh’ ionnsuidh an taighe nach eil iad a leughadh o cheann gu ceann.” LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Th an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 237] [Vol. 9. No. 31. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha fear dhe na Vanderbilts—Alfred G.—air ùr-phòsadh, agus chuir e beagan lathaichean seachad o chionn ghoirid ann am Montreal. Nuair a bha e anns a’ bhaile sin cheannaich e còta-béin d’a mhnaoi air an do phàigh e ceithir mile dolair! Chaochail duin òg a mhuinntir Cheap Breatunn, Iain M. Moireastan, ann an Grand Forks, B. C., Di-luain s’a chaidh. Fhuair e a bhreth us àrach ann an St. Peter’s. Bha e ’na fhear-lagha, agus chaidh e am mach do Cholumbia Bhreatunnach o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais. Bha teine mor ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh, a loisg togalaichean a b’fhiach leis na bha ’n am broinn còrr us tri millean dolair. Chaidh aon togalach fiachail a losgadh—togalach Bord na Malairt,—bhatar an dùil nach b’urrainn do theine deargadh air an togalach so idir, ach ghabh e a cheart cho bras ri càch. Ged a thatar a’ gabhail na deighe air an acarsaid, cha ’n eil i dad tuilleadh us sàbhailte. Chaidh Artar Ingraham troimpe Di-màirt s’a chaidh ’s e ’coiseachd thairis oirre as a bhaile. Bha e mu uair gu leth anns an uisge mu ’n d’ rainig cuideachadh e; bha e fad na h-ùine sin a greimeachadh ris an deigh. Air an latha sin fhéin chaidh gille beag a bha mach a sceatadh fodha, agus mur b’ e tapadh a chompanach bha e air a bhàtadh. Cha ’n ann a mhàin air Loch Ainslie a thatar a’ cladhach air son, no a’ faotainn na h-olla. Bhuaileadh cuisle mhor ann an Texas air an t-seachdain s’a chaidh, agus thòisich an olla air spùtadh suas cho àrd ri leth-cheud troigh dh’an adhar. Bha e cho làidir ’s nach d’ fhuaireadh stad a chur air gu ceann choig no shia lathaichean, agus anns an ùine sin thatar a’ meas gu ’n d’ thainig ceud gu leth mile baraille dhe’n stuth a bh’ ann os cionn talmhainn. Bha Iain Mac-Fhionghain, am fear a tha ’g obrachadh na drochaide tha thairis air na Narrows Mhora, air a thoirt gu cùirt ann an Sidni Di-mairt s’a chaidh. Bhatar a fàgail air gu robh e cur maill air na treineachan le bhi cumail na drochaide fosgailte nuair bu chòir i bhi dùinte; ach aig a’ chùirt cha robh fianuis ’na aghaidh a dhearbhadh sin air, agus chaidh a shaoradh. Tha e a nise ’maoidheadh an lagh a thoirt dhiubhsan a bha a’ toirt droch cliù air mar sheirbhiseach an rathaid-iaruinn. Maduinn na Sàbaid s’a chaidh bha na seirbheisean ann an eaglaisean a’ bhaile air an cumail mar chuimhneachan air beatha agus bàs Ban-righ Victoria. Tha an togalach anns am bheil oifis a phuist agus tigh na cusbuinn air a chòmhdach ann an dubh, agus mar an ceudna an togalach anns am bheil oifis a’ bhaile. Tha na brataichean uile ’n crochadh ri leth-chrann gach latha o’n chaochail Victoria, ach a mhàin Di-ciaduin, an treas latha fichead, nuair a bha Prionnsa Wales air a mhionnachadh a stigh mar Righ Iomhar VII.—an latha sin bha na brataichean air an cumail ri ard-chrann gu dol-fodha na gréine. Bidh Di-satharna air a chumail mar latha bròin, agus bidhear a losgadh urchraichean leis na gunnachan mora aig àm an tiodhlacaidh. Bha trioblaid anns na factoridhean-bhròg an Cuebec o chionn ghoirid, an luchd-obrach a’ cur an aghaidh innealan ùra bhatar a cur a stigh. Ach gu fortanach chaidh cùisean a cheartachadh, agus chaidh na daoine air ais a dh’ obair. Tha moran tinneis air feadh a bhaile ’s na dùthcha aig an àm so. Tha an t-side gle mhi-fhallain. Tha an grippe a’ cur air moran ach cha ’n eil sinn an dùil gu bheil an cuslaint sin buileach cho dona ’sa bha i bliadhnaichean roimhe. Thachair droch sgiorradh ann am Bowmanville, Ontario, air maduinn na Sàbaid s’a chaid. Bha carbad a bha dol tarsuinn an rathad-iarruinn air a bhualadh leis an inneal-smùide, agus bha ’n triùir a bha ann, gille agus dithis nighean, air am marbhadh. Aig cùirt a bha air a cumail ann am baile Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh, bha sianar air am faotainn ciontach de bhristeadh a stigh do thaighean air son meairle dheanamh. Fhuair fear dhiubh coig bliadhna, fear eile ceithir bliadhna, agus càch da bhliadhna ’n urra dhe’n tigh-obrach. Bha side anabarrach briagha againn mu’n bhliadhn’ ùir, brata math sneachda air an làr, agus deagh roidean sleighe ann fad faisg air mios. Ach o chionn faisg air da sheachdain air ais, thainig caochladh mor air an t-side, agus uaithe sin tha’n t-uisge sileadh gu trice, agus tha an t-side fliuch, mi-fhallain. Tha an Riaghladh Breatunnach an deigh leth-cheud mile de dh’ eich ’s de mhiulaidean a cheannach ann an Staid Kansas air son an airm ann an Africa mu Dheas. Thòisicheadh air aiseag nam beothaichean a null air an t-seachdain so. ’S e coig ceud deug an àireamh a’s motha ghabhas cur a null air aon soitheach; bidh mar sin luchd tri soithichean deug air fhichead ann dhiubh. Tha sinn duilich a chluinntinn gu bheil Domhull Mathanach, an ceannaiche, a fuireach ro-thinn. Tha moran chairdean aig Mr Mathanach am measg leughadairean MHIC-TALLA aig am bi co-fhaireachdain ris ’na thinneas. Tha Cailean Siosal, am fear lagha, gle iseal o chionn còrr us seachdain. Tha Seumas Patterson, aig na Forks, mar an ceudna gle thinn o chionn mios air ais. Tha an triùir dhaoine so gle mheasail aig na h-uile, agus b’ e ar dùrachd ’s ar guidhe dhaibh gu ’n biodh iad an ùine ghearr air an aiseag gu slàinte. Tha taghadh luchd-riaghlaidh a’ bhaile ri bhi air a dheanamh Di-mairt s’a tighinn. Air son àrd-bhaillidheachd a’ bhaile tha Ualter Crowe, agus Cailean Mac-Fhionghain a ruith. Air son aiteachan-suidhe ’sa chomhairle tha ’ruith:—Anns a’ cheud roinn dhe ’n bhaile, W. A. G. Hill, agus Iain A. Young; anns an darra roinn, Tormad Domhnullach, Howard Caimbeal, agus Tearlach Hill; anns an treas roinn Domhnull Domhnullach agus D. A. Camaran; anns a’ choigeamh roinn, Ailean Mac Leoid, Alasdair Fyfe, Uilleam Fitzgerald, agus Niall A. Mac-a-Phearsain. Anns a cheathramh roinn tha H. S. Ros, agus Edward Keefe air an taghadh gu h-aon-ghuthach. Is roinnean ùra an ceathramh ’s an coigeamh, agus mar sin tha da chomhairleach air an taghadh leis gach aon dhiubh. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN Airson Sanas bho KELLY & DODGE, Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. [TD 238] [Vol. 9. No. 31. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXVIII. Thriall am Prionns’ agus O’Neill gu Beinne-Mhaol gun stad: n-an turas thàrladh dhaibh tuiteam air bothan àiridh a bhunadh do dh’fhear Airidh-Mhuillinn, (bha e ’n tràth sin m’a 
mheadhon òidhche.) Rinn am Prionnsa ’shìneadh ann an toman luachrach air cùl a’ bhothain, agus chaidh O’Neill a staigh; ach co a chitheadh e measg nighean na h-àiridh ach a
 mhaighdean mhaiseach iomraiteach sin Fionnaghal Dhòmhnullach, nighean do shean fhear Airidh-Mhuillin, agus piuthar do ’n duin’ òg do ’m buineadh an àiridh chum an robh iad a nis air tighinn. Chunnaic O’Neill an ribhinn so roimhe ann an taigh Mhic-’Ic-Ailein air dha bhi uair eigin roimhe sinn ann an Ormaicleit. Bha fios aige gun robh a mhaighdean so an deagh rùn do’n Phrionns’ agus dh’ fheòraich e dh’ i:—“An robh fios aic’ an robh luchd-torachd Thearlaich a dol a rannsachadh Beinne-Mhaol a màireach.” Thuirt Fionnaghal “nach rachadh iad ann a màireach, ach gn ’n robh iad gu bhi ann an earthar gu beachdaidh.” Thuirt O’ Neill a’ sin “gu ’n tug e caraide gu h-amharc,” dh’fheòraich Fionnaghal, “an e ’m Prionnsa.” Thuirt O’Neill gu ’m b’e; agus air ball chaidh e air toir Thearlaich, agus thainig e steach do ’n bhothan; chuir e fàilte shuilbhear air Fionnaghal, a’s rinn e suidh air fàilean a measg nan gruagaichean. Cha b’ fhada bha e na shuidh gus an tug a’ bhannarach dha làn mìos bheag Lochluinneach de ghruth ’s de dh’ uachdar, ni a thaitin ris, thasa gràdh, n’a b’fhearr no aon bhiadh air na bhlais e riabh.
 Mu’n téid mi na ’s faid’ air m’ aghaidh le’m sgeula cuiridh mi sios Eachdraidh Fhionnaghail Nic-Dhòmhnuill ni’s mionaideiche, Bu Nighean i do shean fhear Airidh-Mhuillinn ann an Uidhist-a-chinne-Deas, chaochail a h-athair ma ochd bliadhna roimh ’n àm sin, agus bha a’ màthair air a h-ath phòsadh ri Uisdean Dòmhnullach, Fear Aramadail ’san Eilean Sgiathanach. Bha Fionnaghal mar bu tric a tuinich ann an Aramadal maille ri màthair agus r’a h-oide, Mr M’Dhòmhnuill, a bha air a’ cheart àm sin na cheannard air a h-aon dheth na cuideachdan a bha ’n tòir air Tearlach. Ged do thàrladh do dh’ Fhìonnaghal a bhi mu’n àm ud an Uidhist, cha robh i ach air ùr thighinn a nall as an Eilean-Sgiathanach do dh’ Airidh-
Mhuillinn a dh’ amnarc a bràthar a bha fathast a còmhnuidh sa’ bhaile sin ann a fearann athar. A nise, bha Fionnaghall agus baintighearna Mhic-’Ic-Ailein anabharrach mòr ma chéile, agus a thaobh nach robh Ormaicleit ach tacan beag bho Airidh-Mhuillinn, bhiodh i mar bu tric’ anns a chisteaal maille ris a bhaintighearn. Thàinig i-féin agns caileag a bha còladh ridhe thun na h-àiridh so (anns na chòmhlaich i’ m Prionnsa) m’a bheul an anmoich air dhaibh a bhi air turas do dh’ ionad àraidh eile de’n dùthaich, agus a thaobh gun robh an òidhche fluich, chuir i roipe roipe fantainn ’san taigh-àiridh gu madainn. Thuirt am facal “gur luaithe deoch na sgialachd,” air an aobhar sin cha do chuir am Prionns’ an céill do dh’ Fhionnaghal an cunnard agus an teanndachd ann an robh e gus na chuir e crìoch air a mhéis ghruth’ a’s uachdair, thuirt e’n sin gum bu chomasach dhise na’m bu deòin leatha ’fhòir bho làmhan nan eas-càirdean a bha cho dian an tòir air, dh’ fharraid Fionnaghal cia mar bu chomasach dhise, nach robh ach na boireannach air bheag cumhachd gniomh cho euchdach ris a’ sin a dheanamh ’s na dùthchannan uile fo luasgan le eagal an luchd-tòrachd? Thuird am Prionnsa gum faodadh i Litir-cead-siubhail dh’ i féin agus d’a mnaoidh-mhuinntir, fhaotainn bho h-oide fear Aramadail, agus gu’m falbhadh e lea fo ainm bean-mhuinntir air éideadh ann an trusgan mnà, a chum taigh a màthar san Eilean Sgiathanach far am faodadh i a chumail an cleth gus an rachadh gach cunnard uile tharais. Thuirt Fionnaghal chòir nach robh fios aice san àm cia mar fhreagradh sin d’i ach gu ’n cuireadh i comhairle ri bainn-tighearna Mhic-’Ic-Ailein a bha i cinnteach a dheanadh dìcheall air còmhnadh leò chum na crìche sin na ’m faiceadh i chùis coltach: “air an àm” ars ise, cha ’n urrainn mi tuileadh a ràdh mun chùis ach leigidh mi fhios thugaibh tràth a màireach.” Air dh’ i sin a ràdh, ghuidh e soiridh lea air an òidhche sin, agus thriall e-féin agus O’Neill gu monadh Chòradail far an robh iad a’ cur rompa chuid eile de’n òidhche chur seachad. Air madainn an ath latha thog Fionnaghal agus a bean-mhuinntir orra do dh’ Ormaicleit, chùm a còmhairle chur ri baintighearna Mhic-’Ic-Ailein mu’n chùis; air dhaibh a bhi dol a null thar an fheoghail eadar Beinne-Mhaol a’s Uidhist a’ chinne-deas, a thaobh nach robh litir-cead-siubhail aig a h-aon aca ghabh an luchd-tòire an làimh iad nan dithis: Chuir na h-oifigich na h-urraid de cheisteachan cruaidhe air Fionnaghal, agus cha robh iad idir riaraichte leis na freagairean a bha i toirt seachad: air an aobhar sin chùm iad an làimh i anns an taigh-fhreiceadain rè na h-òidhche gus an tigeadh an ceannard sa’ mhadainn chum a ceasnachadh as ùr. Air madainn an ath latha thainig an ceannard, Fear Armadail, agus faigh ear a dhalta Fionnaghal an làimh anns an taigh fhreiceadain, ach a thaobh gun robh e na dhuine daontachachail, agus chomh-fhulanghas aige Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH. Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI, - - - C. B. [TD 239] [Vol. 9. No. 31. p. 7] ris a Phrionns’, ann an àite Fionnaghal a cheasnachadh, is ann a rinn e gach ni bha na chomas a chum còmhnadh lea ann an gniomh na tròcair, agus agrìobh e litir-cead-siubhail na h-ainm féin na mnatha-muinntir, agus ban-Eireannach, da’m b’ ainm Beti Burc, be sin an t-ainm a bha ’m Prionnsa gu fhreagairt ’nuair a chuireadh e uime an trusgan bainionn: sgrìobh e litir eile gu màthair Fhionnaghail a bha Beti Burc, (am Prionnsa) gu ghiùlan g’a h-ionnsaidh, anns an robh teisteanas Beti féin air a chur sìos gu cliuteach, da moladh mar deagh searbhant, thuirt e gum bu chaileag Eireannach i a bha ana-bharrach math air calanas, a chuireadh na h-uile ghoireas a bhunadh do thaigh tuathanaidh, no duin’-uasail air aghaidh gu gasta. Air do dh’ Fhionnaghal na litraichean so fhaotainn chaidh i gun stad do dh’ Ormaicleit a chur a comhairle ri Baintighearna Mhic-’Ic-Ailein. Gun a bheag a mhaille dheanamh an sin dh’ fhalbh i féin ’sa bhaintighearn’ agus dithis na thriùir do bhaintighearnan òg eile a bha air seallach de’n Phrionns’ fhaicinn gu monadh Choradail; air daibh a dhol a steach do bhothan na beinne fhuair iad a mhòrachd rioghail a’ rostadh cridhe agus ghrùdan caorach air dealg seilich, thug an sealladh so air cuid dheth na bhaintighearnan òga bu mhaoth-chridhich’ na càch toiseachadh air gal. An sin thòisich am Prionnsa le falaghà air togail an cridhe, agus thuirt e ruitha gum bu mhath do gach rìgh air domhain gun tigeadh iad tro cho leugha deachainn ’sa thainig esan. Shuidh iad an deigh sin gun dinnear, Fionnaghal Nic-Dhòmhnuill air a dheis agus baintighearna Mhic’-Ic-Ailein air làimh chlì. Mu’n àm sin bha bàta le làn sgioba air bhog aig a chladach ulamh gu seòladh léis ’s le Fionnaghal ge be uair a b’ àill leo. Fòs, air dhaibh a bhi gabhail an dinneir thainig teachdaire, a’s anail na uchd, a dh’ innse do’n phairti gun tàinig an dearg-nàmhaid sin, Iain Caimbeul a Mhaim-Mhòir, do Bheinne-Mhaol le feachd lionmhor shaighdearan. Cha luaithe chuir an teachdaire sin an céill uirsgeul féin, na thainig gill’ eile ’g ràdh gun chuir long chogaidh pàirtich air tìr ann an Oirmicleit, agus nach robh iad a’ fàgail cùil no ciall gun rannasachadh, air tì an fhògaraich Rìoghail fhaotainn an làimh. Air cluinntinn sin do bhaintighearna Mhic-’Ic-Ailein, mheas i iomchuidh tearnadh gu baile, air eagal gun dùisgeadh i bhi bho’n taigh an-amharas a measg na pàirtidh. Air dhi am baile ruidhinn dh’ fheòraich caiptin na luinge iomadh ceiste dh’ i ma dheighinn. C’ àit an robh i, thuirt ise gu’n robh i ’g amharc neach tinn uireasach a dh’ air taobh thall a bhealaich. Tacan an deigh sin chaidh Mac-’Ic-Ailein agus a bhaintighearna a ghlacadh agus an giùlan air luing gu riuge Lunnainn air son a’ chaomhneis a nochd iad do ’n Phrionnsa. B’ éigin do’n Phrionnsa nise dealachadh ris an fhear ma dheireadh dheth a chàirdean dealaidh O’Neill, ghuidh an gille bochd gu dùrachdach gu’n faodadh e dheagh mhaighistear a leantuinn n’a b’ fhaide air a thuras sgìth! ach thuirt Fionnaghal ris, gu’m b’fhearr dha deanamh air a shòn féin, mar dh’ fhaodadh e, gun deanadh gille Gallda mar bha e-san am brath gun teagamh, nan tarladh dhaibh a thighinn an àite cunnairt, gu h-àraidh, a thaobh nach robh facal ma dhéighinn anns an litir-cead-siubheil. Beagan ro mheadhon latha, air di-dòmhnaich an t-ochdamh latha fichead de mhios meadhonach an t-Shàmhraidh shonraich iad seòladh thar Chuan-sgìth, a dh’aon olc no éigin da’m faodadh tachairt. Air an aobhar sin sgeudaich Fionnaghal an Prionns’ ann an gùn do dh’anard soilleir cotabàn cùbhrainn, criosan geal air a bhial-thaobh, agus cleòca de chamaileid lachduinn air uchdar, air a dheanamh anns an fhasan Eireannach le cinneabharr do ’n cheann. Air dhaibh gach nìdh fhaotainn réidh ghluais iad chùm a’ bhàta, agus Niail mac Eachuinn Dhòmhnullaich, (comhdalta do sheana Mhac-’Ic-Ailein,) mar ghille freasdail aig Fionnaghal. Ràinig iad a nis’ an cladach, (a bha gréis mhath air astar bho Thuineach Beinne-Còradail,) gu sgìth, fuar, fluich, bheothaich iad teine ann an glacaig dlù do’n lic aig an robh am bàta na laidhe a chum an cumail blàth gu ciaradh na h-òidhche, an t-àm a shònraich iad am bata chur fa-sgaoil agus an cuan a ghabhail, cha b’fhada bha iad da’n garadh ’nuair a chunnaic iad ceithir bàtaichean Fineach, làn de dhaoine fo àrmachd, a’ deanamh do réir coltais air tìr, far an robh am bàta aca féin na laidhe, thug eagal gum mothaìcheadh na nàimhdean do’n ceò orra teine chur ás. Ach gu sealbhach sheòl na bàtaichean suas gu deas gu ’n uidhir a’s amharc a dh’ ionnsuidh na tire ged nach robh iad ach ma thuaiream urchair gunna bho ’n àite robh am Prionns’ agus a phàirti ’n-an laidhe am measg an fraoich. M’a ochd uairean ’san fheasgar, chaidh Tearlach agus a phàirti do ’n bhàta, agus sheòl iad bho eirthire Beinne-Mhaol, gun sùil nàmhaid da’m faicinn, agus ghabh iad thar Chuan-sgìth a dh’ionnsaidh an fhearuinn Sgiathanaich. Faodaidh sinn a nis’ a thoirt fa-near ged bu tric a chaol-thearainn am Prionnsa féin bho phainntrich a nàmhaid gu’n do thuit a luchd-leanmhuinn gu léir ach Imher Burc agus O’Suilibhan ’n-an làmhan. An ceann thrì latha an deigh do Thearlach am t-Eilean-fada fhagail thàinig long Fhràngach, le sia fichead fear Uidhist a Chinne-Deas, los a ghiùlan do’n Fhràing, chaidh O’Suilibhan air ball gu bòrd agus dh’ fhalbh e lea, thaobh gun sheòl i air an òidhche sin fein, air dhaibh a chluinntinn gu ’n dh’fhàg am Prionns’ an dùthaich. An ceann latha no dhà an deigh sin ghlacadh O’Neill, agus chaidh a chur gu prìosan an Tùir an Lunnainn. Bha Domhnull Mac-Leòid fad iomadh latha na fhear cùirn air feagh bheanntaichean an Eilein-Sgiathanaich; fadh-eòigh, air a’ chùigeamh latha de mhìos mheadhonach an t-Shàmhraidh, chaidh a ghlacadh, agus a ghiùlan a chùm an Tùir Lunnainnich far na chum iad e ’na phrìosanach fad iomadh latha. Bha Imher Burc n’a bu shealbhaiche, ghabh e didean ann an uamhaig ann an ionad uaighneach de na h-Earadh, a’ tighinn beò mar a bh’ fhearr a dh’ fhaod e air iasg a’s sithinn, gu àm nasgaidh na saorsa do gach fògarach sa’ bdliadhna 1747. Chaidh e ás na h-Earadh do Dhunéideann far an deach e’n séilbh na h-oibreach bu ghnàth leis ro’ àm a’ chogaidh. Chaith e deireadh a laithichean anns a’ bhaille-mhòr sin gu taingeil, toilichte ’g òl leanna agus ag aithris a sgeòil. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatunn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid. Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 240] [Vol. 9. No. 31. p. 8] Oran nan Cat. Rinneadh na rannan a leanas le Niall Mac-a-Bhiocair (Niall Ruadh Mor) a rugadh ann a Bhallaidh, an Uidhist a Chinn-a-tuath. Thainig e do Cheap Breatunn mu thri fichead bliadhna air ais. Rinn e iomadh òran san dùthaich so. Ma tha gin dhiubh air chuimhne aig leughadair sam bith bhitheamaid gu mór na chomain na ’n cuireadh e ugainn iad; oir tha àbhachdas “Oran nan Cat” a toirt oirnn a chreidsinn gur math a b’ fhiach iad an cur an clò. Bha “Oran nan Cat,” ma ’s fhior, air a dheanamh aig banais fìdhleir. An deigh na bainnse chruinnich àireamh de chait an àite far an robh a phiob-mhor air a cur a thaobh, agus an deigh sabaid gu h-eagallach feuch co aca a gheibheadh an roinn bu mhotha de mhál na pioba, shrac iad as a cheile i. Anns a cheud rann tha am piobaire a caoidh sgrios na pioba, agus an deigh sin tha na cait a cur an ceill am barail fhein mu ’n chuis:— Oidhche banais an fhìdhleir Bha mi inntinneach eutrom, Mo chridhe mire ri ’m inntinn,
 ’S bha gach ni leam a’ géilltinn; Pìob nan dos ’s i fo m’ achlais,
 ’S dheanainn caismeachd do cheudan: Mu ’n d’ thàinig deireadh na h-oidhche Cha robh mìr dh’ i ri chéile. SEISD— Bheir mi o raill òho Agus o raill éile, Bheir mi o raill òho Agus o raill éile, Bheir mi o raill òho Agus o raill éile, Gur e mis’ tha gu tùrsach, ’S mo chruit-chiúil air mo thréigsinn. Thuirt an cat a bha ’n Langais, “Tha mo cheann air dhroch cìreadh, ’S tim dhomh féin a bhi sealltuinn Ciod e ’n t-àm tha e dh’ oidhche; ’S mor gu ’m b’ fhearr leam bhi ’n còs Aig amhuinn Lònaidh ’n am shìneadh, No na fhuair mi ’phìob Dhòmhnuill, ’S chaidh an ceòl feadh na fìdhle.” Thuirt an cat a bha ’n Cìrean,
 “’S tim dhomh féin bhi dol dachaidh, Ma ’s a maith cath nan ìongnan Tha mi sgìth dhe ’r cuid sabaid.” Thuirt cat mor Bun-na-dìge, “Mo chluasan féin air an sracadh: ’S mor gu ’m b’ fhearr leam i Dhòmhnuill, A’ bhi gu ceòlmhor fo d’ achlais.” Thuirt an clot-cheannach duaichnidh, An cat ruadh a bh’ aig Dòmhnull, ’S a dhà thaobh air an gualladh, Mar chaidh fuachd ann le reòtachd: “’S fad o’n chaill thu na cluasan Mu ’n an truailleachd a’ d’ òige, Bhiodh tu crògnadh an uachdair A muigh aig buailtean na mòintich.” “Eisd, a shiongaire lachduinn, Mu ’n cuir mi asad an t-eanchainn; De chuir thusa gu baile ’Chur na h-athais sin ormsa? Ma chaill mise na cluasan, Cha b’ ann mu ’n truailleachd a dh’ fhalbh iad, Ach droch easalint a bhuail mi ’S thug iad uam gus mo theannacs’ iad.” Thuirt cat Dhòmhnuill na Camairt, “B’ fhearr domh fantail ’s a mhòintich; ’S daor a phàigh mi mo shuipeir No na dh’ ith mi no dh’ òl mi. ’S ann a chaill mi mo shùilean, Ge b’ e ’n cù bha ’g an sgròbadh, Air son craicionn seann rùda, ’S gur e m-n thug a chlòimh dheth!” Thuirt cat Thormoid* ’s e labhairt, “Théid bhur sparradh am prìosan, Bho ’n tha mise ’n a’ m’ Earraid, ’S duine daingean bho ’n Righ mi; Théid bhur glacadh mar mheirlich Bho nach tàmh sibh an oidhche, ’S dòch’ gu ’m faic mi ’n glas-làmh Gu tigh guard am Port-righ sibh.” * Bha Tormad ’na fhear dreuchd fo ’n righ, agus bha an cat aige, mar a bha nadarra gu leor, a gabhail ceannais os ceann chaich. Seachran Seilg. AM BARD LUIDEAGACH. Chaith mi ’n latha ’n deigh na faoghaid, Air feadh bheann ’us ghleann ’us dhoire, Gus ’n a chaill mi anns a’ choille Toirm nan gadhar ’s lorg an fhéidh. ’S bho’n bha’n oidhche air tigh’n frasach, Sheall mi air son àite fasgach, Far am faighinn leaba ’nasgaidh, Am measg chama glas an t-sléibh. Fhuair mi sid aig bun a’ bhruthaich, Bothan àiridh air dhroch thubhadh, Toll na ’mhullach air son luidheir, Sgroth ’s an uinneig taobh na gaoith’; Sgathach bheithe air son comhla, Nach ceileadh a bheag de ’n dò-bheart, ’S a chuir eagail air na bòcain, Rinn mi dòigh air teine fraoich. Bha isean feannaig ann am phòca, Air nach d’ amais moran clòimhtich, Chuir mi car dheth anns a’ bheòlach, ’S bha e ròist’ agam gu m’ riar; Choisrig mi an creutair neòghlan,
 Le deur beag de shugh an eòrna; ’S ged nach robh a’ chuirm ro-shòghar, ’S mairg bhidh tonnasach ma’n bhiadh. Mar is gnàth leam an déigh féisde, Rinn mi ’phiob-thombaca ’ghléusadh, Thug mi ’n taod á ceann mo réusain, ’S leig mi fad na sréin le m’ smuain. ’Ghabhail iolla ris na dealbhan, A bha ’g éirigh suas ’s a’ ghealbhan, Samhla faoin air nithe talmhaidh, Faileis anfhann anns an luaith. Anns a cheò ’bha ’snàmh ma’n cuairt domh, Cruthan caochlaideach ag gluasad, Ag cur m’ inntinn ann am buaireas, Nach eil soirbh a luaidh ’an cainnt. Cha robh buidseachd ag cur sgleò orm, ’S cha robh sgaoim orm romh bhòcain, Ach bha riochd air bràigh na còmhla, A chuir m’ fheòil air chrith ’s gach reang. Dà shuil lasrach an clar aodainn,
 Nach robh ’choimeas furasd’ fhaotainn, Sròn cho fada ris an taobhan; ’S paidhir adhaircean air a cheann. Dh’ éirich mi gu grad air m’ uilinn, ’S thug mi ionnsaidh air a’ ghunna, Ach cha d’ thug e suim no umhail, Mar gu ’m b’ iomhaigh umha bh’ ann. Spion mi ’bhonaid bhar mo chlaiginn, Dh’ aithris mi mo chréud ’s mo phaidir, Ghearr e leum ’us rinn e sraitheadh Mar fhuaim canain ann am chluais. ’Cheart cho fior ’s tha sròn air m’ aodann, Chuala mi gu soilleir gleadhraich, Mar gu ’m bitheadh tu a’ slaodadh Slabhraidh thar nan clacha cruaidh. ’Righ gabh againn! sin e rithist! Thog mi ’n gunna ’s leig mi ris i, Dh’ eirich e mar eun air iteig ’S teine drillsneach as a dhéigh. Le fàile pronnaisg ’s toit an fhudar, Thuit mi seachad air an urlar, ’S ’nuair a dh’ fhosgail mi mo shuilean Cha robh duil leam ach mi fhéin. Bha ’n oidhche ’nis air fas ro-shalach, Bhruchd na tuiltean troimh na gleannaibh, Fhreagair creag ’us beinn le farum, Fuaim na gaillinn air an raon. Las an iarmailt suas mar fhuirneis, Le tein’-athair gathach, lubach, Na ’dhearg still mu chinn nan stucan, ’Leum le sput o thaobh gu taobh. Ach ma dheireach bhrist an latha, ’S thionndaidh mi mo cheum gu baile, Thug mi suil air cul an tighe Dh’fheuch am faighinn lorg am laoich; Ach an àite crodhain Shàtain Bhi ri fhaicinn anns a chlàbar, ’S ann a fhuair mi each a’ Ghàidsair, Toll na ’mhaileid ’s fhuil ma’n fhraoch. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. GIBHTEAN NOLLAIG. Uaireadairean, Faineachan, Prionachan Broillich, Slabhraidhean, Butain Muilchinn, Bracelets, Lockets, Dressing Cases, Bataichean le cinn oir. ANNS AN STOR AIG—K. BEZANSON. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE, 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. [TD 241] [Vol. 9. No. 32. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 8, 1901. No. 32. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. X. “CHA SGEUL RUIN E MA CHUALA TRIUIR E.” AN uair a ràinig Aonghas is Domhull bruaich na h-aimhne shuidh iad ri fasgadh creige. Bha ’n oidhche air fàs gu math soilleir, oir bha ’ghealach a’ cur uaipe gu éirigh. Bha ’n t-uisge air a dhol as, agus bha ’n ceò a bha fad an fheasgair agus toiseach na h-oidhche gu tiugh dumhail ’na laidhe air gach gleann is glaic is comhnard, air togail suas gu mullach a’ mhonaidh. “Tha e cheart cho math dhuinn greis dhe ’n oidhche a chur seachad far am bheil sinn ri dhol dhachaidh. Tha ’n oidhche nis tioram, soilleir, blàth gu leòr. Ged a rachainn dhachaidh gus a dhol a laidhe, tha fhios agam nach tigeadh norradh air mo shùil. Ma bhios rud sam bith a’ cur dragh air an inntinn agam, tha e cheart cho math dhomh fuireach ’nam shuidhe aig an teine ri dhol do ’n leabaidh,” ars’ Aonghas. Cha dubhairt Domhull aon fhacal. Bha e, mar a bha Aonghas fhein, cho draghail ’na inntinn an deigh na chunnaic ’s na chual’ e ’s nach robh fhios aige gu ro mhath ciod a theireadh e anns an àm. An uair a las Aonghas a’ phìob thuirt e, “Nach b’ iad sid na h-eucoraich dhubh! Smaoinich fhein air a’ chainnt a bh’ aca. Cò nis aig am biodh meas sam bith orra, na béistean suarach? Cha chuala mi gnothuch riamh cho fìor eucorach ri bhith ’cumail an codach fhein o na daoine bochda. Is feumach iad fhein, na truaghain, air aona bhall aodaich a chuireas bean an Uachdarain g’ an ionnsuidh. Tha mise ’g radh riut, a Dhomhuill, nach ’eil anns a’ mhaor agus ’na theaghlach ach na dearg mheirlich a’s mò a sheas riamh ann am bròig leathair. Cha mhòr nach do ghlaodh mi àird mo chlaiginn, an uair a bha mi ’nam sheasamh aig an uinneig, gu ’m b’ airidh iad air an cur ann am prìosan gus an dubhadh am fiaclan. Ach thuirt mi rium fhein, gu ’m bu cho math dhomh fuireach samhach, o nach robh fhios aca gu ’n robh sinn ’g an éisdeachd.” “Gu dearbha ’s gu fìrinneach chuir an gnothach a bh’ ann ioghnadh gu leòr orm fhein. Bha mi ’n duil gus a’ nochd gu ’m bu daoine measail, onarach a bh’ annta. Cha chreidinn gu bràth o dhuine sam bith gu ’n deanadh iad mar a rinn iad, mur biodh éisdeachd mo chluasan fhein agam orra,” arsa Domhull. “Cha chreideadh no mise leat, ged a chunnaic ’s a chuala mi rud no dhà mu ’n deidhinn roimhe so nach do chòrd rium. Ach cha ’n abair sinn facal ri duine beò mu na chunnaic ’s na chuala 
sinn. Thig an obair eucorach a th’ aca ann am follais lath’ eiginn. Creid thusa mise, cha bhi crìoch mhath aig na gnothaichean ud idir. Cha ’n urrainn gu ’m bi. Cha robh àgh no sonas air duine riamh a bha cumail a chodach fhein o’n duine bhochd. Bidh ogha beag aig a’ mhaor, ma bhios ogha idir aige,” ars’ Aonghas. “Cha ’n urrainn domh fhein m’ aghaidh no m’ aodann a thoirt do thaigh a’ mhaoir an dà latha so. Cha ’n ’eil e ’nam chomas a bhith cho aoidheil agus cho fosgarra riutha ’s a b’ àbhaist dhomh. Nan rachainn ann, tha mi làn chreidsinn gu ’n aithnicheadh iad air m’ aghaidh gu ’m bheil mi air fàs suarach mu ’n deidhinn. Agus mur b’e eagal gu ’n gabhadh iad amhrus gu ’n cuala no gu ’m faca mi rud air choireiginn cearr mu ’n deidhinn, cha rachainn a steach air an dorus aca gu cionn latha ’s bliadhna,” arsa Domhull. “Cha ’n fhada gus an cuir bean a’ mhaoir teachdaire g’ ad iarraidh ma thoisicheas tu ri seachnach an taighe. An cuala tu cho math ’s a mhol i thu? Tha mise cinnteach gu ’m bheil i maideachadh ort air son fear do Pheigidh ruaidh a h-ighean. Ma gheibh Peigidh greim ort, theid mi an urras gu ’n cum i fo smachd thu. Is i nighean òg cho rag ’s cho diorrasach ’s a chunnaic mi riamh. Mar a tha ’m facal ag ràdh, ‘Daoine ruadha raga.’ Cha phòsainn te ruadh ged nach fhaighinn bean gus an tugadh mo cheann snag. An cual’ thu mar a thuirt am bard:— ‘Cha ghabh mi te fhada, No shradanta ruadh, A chumas an cogadh
 ’S am mollachadh suas; Ged bhitheadh i agam ’S ann chuirinn i uam: B’e turas gun bhuaidh dhomh ’posadh.’ Sid dìreach, a Dhomhuill, mar a ni Peigidh ruadh ortsa ma phòsas tu i,” ars’ Aonghas. “Posaidh mise Peigidh ruadh an latha ’phòsas tu fhein Seonaid,” arsa Domhull. “Sin an latha nach fhaic thusa no mise. Ged nach biodh té eile eadar Taigh Iain Ghrot agus Caolas na Frainge ach Seonaid ’na h-ònar, cha ghabhainn i, no té eile a rug a màthair. Cha ’n ann á nead a’ chlamhain a bheir mise eun idir. Bheir mi eun á nead ghlain, ar neo bidh mi mar a tha mi gu latha mo bhàis. An car a bhios ’s a’ mhàthair, is gnàth leis a bhith ’s an nighinn,” ars’ Aonghas. “Tha eagal ormsa gu ’n gabh iad amhrus gu ’n robh sinn a’ farchluais orra mur teid sinn air chéilidh orra an ùine gun bhith fada. Cha bu toigh leam gu ’n gabhadh iad diùmbadh oirnn. Dubh, dona ’s mar a tha iad, tha mi ’creidsinn gu ’m bheil e cho math dhuinn a bhith réidh riutha. Tha amhrus agam gu ’m bheil iad a’ cheart cho ealanta air na breugan ’s a tha iad air a h-uile olc eile. Theid aig duine air e fhein a ghleidheadh o’n mheirleach, ach cha teid aig duine air e fhein a ghleidheadh o’n bhreugaire. Nach fileanta rinn iad na breugan dhuinn a nochd fhein, an uair a thuirt iad gu ’n robh an athair gu bhith air a chois gu uair no dà uair ’s a’ mhadainn a’ cur chunntasan air doigh?” “Nach b’ fhior dhaibh sin? Nach robh e faisge air an àm sun mu ’n do sguir e de chunntas nan aodaichean a chuir bean an Uachdarain dhachaidh? Nam biodh meas aigesan air fhein, cha b’ ann am measg phlangaidean is bhoirionnach a bhitheadh e. An cù tha e ann. Cùl mo laimhe ris. Coma leam dhe na fir a bhios a’ gabhail gnothaich ri rud nach buin daibh. Mur ’eil mise meallta ’na mo bharail, bidh latha ri cunntas agus latha ri pàigheadh aige fhein ’s aig a theaghlach fhathast. Cho fad ’s gu ’n ruith am madadh ruadh, beirear air mu dheireadh,” ars’ Aonghas. “Nach e Tearlach ruadh a bhios cluthar, blàth anns na plangaidean Sasunnach? Saoileam fhein an innis Anna dha cia mar a fhuair i iad?” arsa Domhull. “An ise? Cha ’n innis gu dearbh. Is fhad a bhios duine o’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein. An uair a gheibh Tearlach a’ bhùth agus Anna agus na plangaidean, bidh e air a dhòigh. Is fhad o’n là ’chualas mu chadal fada nan ceannaichean. Cha chreid mi gu ’m bi ceannaiche ’s an dùthaich a chaidleas cho fada ri Tearlach. Bha e trom air a’ chadal riamh. Is minic a chaidh mise do ’n taigh aca eadar deich is aon uair deug ’s a’ mhadainn, agus bhiodh Tearlach còir an uair sin ’g a stadhadh fhein air a thaobh mor ’san leabaidh. Bhiodh ’athair bochd an uair sin ’na fhallus ag obair gu trang anns an t-sabhal.” “Cha chuala mi idir gu ’n robh Tearlach gus a bhith ’na mharsanta, agus cha chreid mi e gus am faic mi e. Cha ’n ’eil mi ’tuigsinn cia mar a theid aige air bathar fhaotainn, fear aig nach ’eil da bhonn-a-sia ris an t-saoghal.” “Tha thu air chùl do sgeoil, a Dhomhuill. Mur ’eil airgiod aig Tearlach tha airgiod aig a’ mhaor. Cha tugadh am maor an nighean a’s sinne ’th’ aige do Thearlach ruadh idir; ach bheir e do Thearlach marsanta i gu toileach. Cha ’n ’eil iad deònach gabhail ris gur iad fhein a tha gus a’ bhùth fhosgladh do Thearlach. Ach tha fhios aig a h-uile duine nach toir fear sam bith a chuir a’ bheag a dh’ eòlas air Tearlach fiach crùin dha air a chreideas. Agus cha chreid mi gu ’m bheil duine ’san dùthaich a rachadh an urras air do mharsantan Ghlasacho. Ciod sam bith dòigh anns an d’ fhuair am maor a chuid airgid, tha barrachd airgid aige air na shaoileadh daoine,” ars’ Aonghas. “Ma tha airgiod aige ma seach, cha chreid mi gur ann le fìrinn ’s le onair a chuir e cruinn e. Ge b’ e bhios carrach ’s a’ bhaile so, bidh e carrach ’s a’ bhail’ ud thall,” arsa Domhull. “Tha sinne gun fhios againn cia mar a fhuair e a chuid airgid; ach ma ’s fhìor na chuala mise, tha na ceudan aige ma seach,” ars’ Aonghas. “Cha ’n ’eil fhios agam fhein, ’Aonghas, cia mar a tha thu ’cluinntinn a h-uile rud. Tha thu cho math claisneachd ris an fhear a chluinneadh am feur a’ fàs. Tha fios agad air a h-uile [TD 242] [Vol. 9. No. 32. p. 2] rud, ach rud ainneamh. Is e duine cunnartach a th’ annad.”
 “Cha ’n ’eil mise dad na ’s fhearr fradharc is claisneachd na daoine eile; ach bheir mi an aire mhath do na chi agus na chlninneas mi. Chuala tu fhein cho math riumsa an leithsgeul a ghabh na h-igheanan, ach cha do smaoinich thu idir gur ann aig a’ Bhaillidh a tha ri bhith ’cumail cunntasan na h-oighreachd. Rud eile dheth, mur co-chòrd an sgeul a chluinneas tu an diugh ris an sgeul a chluinneas tu am maireach, faodaidh tu bhith cinnteach nach e an fhìrinn a bhios ann. Tha e furasda gu leòr dhuinn a thuigsinn gu ’m bheil am maor gle thoileach a chuid nighean fhaotainn bhar a lamhan cho luath ’s is urrainn da. Is e an seadh a tha mise ’toirt as a so, gu ’m bheil eagal air gu ’n laidh iad air a lamhan, ma gheibhear am mach an seorsa daoine a th’ annta.” Anns an fhacal chual’ iad sreathart air an culaobh. Cò bh’ ann ach mac Lachlain. Bha e ’dol dhachaidh bhar cheilidh, agus chual’ e na fir a’ bruidhinn. Agus o’n a ghabh e amhrus gu ’n robh comhradh diomhaireach eatorra, thainig e gun fhios dhaibh cho dlùth ’s gu ’n cuala e an earrann bu mhò dhe na thubhairt iad. Thuig iad nach biodh an comhradh a bha eatorra fad an cleith aon uair ’s gu ’n d’ fhuair mac Lachlain fios air. (Ri leantuinn.) Sgeul air Gaol ’us Gaisge (Air a leantuinn.) THAINIG Bassus air lom a rithisd anns a’ ghrianan. Sheall e sios orra, a’ toirt fanear mar a bha, ach is e leathadh air a dha shuil a thainig air an uair a chunnaic e mar a bha. “Is e Dia fein a chuidich leam,” arsa Arsacius. “Is leamsa an leomhan, agus is aithne da mi. Chi thu nach ’eil e a’ deanamh cron orm.” Spleuc Bassus, coinneal ’na shuilibh, amhluadh agus buaireas gun tomhais ’na chionnachaibh. Chas e ’fhiaclan ris agus braoisg dhranndanach aige. Thilg e an cearcall-màis an dara uair. “A’ dhonainn dhona, mallachd ort,”—agus bhuail e a cheann le a dhorn fein aig ro mheud ’fheirge. Sheas e an sin car tiota, a’ dol fo a bheachdan. Dh’ eirich lasan a rithisd air, cho trom sin gu ’n d’ atharraich a ghnuis gus an saoilteadh gu ’n robh an crith-ghalar air. Cha b’ urrainn da labhairt fad prioba. “Bheir mise ort fathasd,” ars’ esan fadheoigh, “O, bheir!” agus dh’ fhalbh e as a’ ghrianan uair eile, agus chuala Arsacius a cheumannan a’ bualadh troimh ’n tigh agus mallachdan ’gan sgriachadh aige. An ceann da mhionaid chualas na mallachdan a’ tighinn aige a rithisd, agus ge b’ oillteil an fhuaim, bha aoibhneas air Arsacius roimhe, o chionn an leomhan a bhi iomairteach, frionasach, agus e a’ togail a chinn agus talach aige. Dh’ fhosgladh an dorus, bhuail an cealgaire a steach, agus chaidh e de leum a dh’ ionnsuidh an laoich againne, agus gun omhail sam bith aige air an leomhan. “Marbh-phaisg ort,” ars’ esan, ard a ghuth, “gun rath ort mar rogaire, bheir an claidheamh a mach na dhearmaid an leomhan.” Bha claidheamh ’na laimh ’ga chrathadh aige, ach ma bhà bha fear eile aig Arsacius. Gidheadh bha an t-ana-cothrom aige agus Candida ’na h eire trom air a ghairdean-chli. Air a shon sin bha e urranta, ealamh, agus mhothaich Bassus da sin, oir an uair a thainig e mar fhad sathaidh da thug dararaich a’ chlaidheamh eil’ air a thuigsinn gur e a b’ fhearr. Thug am Probhaisd an ath-shathadh, agus bha na lannan fathasd a’ gliosgardaich gun barrachd aig fear seach fear, an uair a thainig atharrach air an sgeul. Ghabh an leomhan as leth Arsacius agus leag e Bassus air an lar. Cha d’ fhan an t-armunn fearail againn ach an dorus a chuir dheth agus dol am muinighinn ruith, agus Candida air a ghuaillnean. Shaoil leis nach bitheadh ach fior bheagan aig Bassus ri mhaoidheadh air mu ’n àm sin am maireach. Dhi-chuimhnich e an dorus a’ dhunadh o’n taobh a muigh. Chuir e seachad gach talla agus seomar gus an d’ rainig e an ard-dorus. Bha duine eile an sin ’na bhun. Dh’ iarr e air an dorus ’fhosgladh. Cha do chuir e gliog as. Thug Arsacius lamh air a’ chrann. Dh’ fhosgail e an dorus. Chaidh e a mach. Thainig an duine eile air o leth a chuil. Cha d’ rinn esan an tuilleadh foighidinn. Leag e sios ise air an lar, cho aotrom ’s a b’ urrainn da, agus chaidh e an dail an fhir eile, agus b’ ann an sin a bha an sealladh air gaisge, car an aghaidh cuir agus cleas an aghaidh cleas. Cha b’ fhada daibh air an dian chomhraig sin an uair a chuir an ceathairneach foghainteach againne a chlaidheamh troimh chridhe an fhir eile gu ruig an dorn-chladh. Thuit e sios air an lar, agus cha d’ thug e ach an da osnaich glugulach sin as. Thill esan far an robh ise agus gun de churam air ach mar a rachadh aige air a cuir fo dhion. Thog e suas a rithisd i, agus rinn e a chasan mar a b’ fhearr a bha aige, aghaidh air an tigh aicese gus Mairi a’ shaoradh mar an ceudna, nan gabhadh sin a dheanamh. Sealadh da air an ruith sin an uair a dh’ fhairich e ceumannan ’na dheigh. Co bha an sin ach a shean nàmhaid Bassus! Gheuraich Arsacius air fein, agus bu chruaidh an spairn air e, agus uallach a dhroma air agus a neart a’ dol uaithe le gach ceum de ’n gabhadh e. Cha robh air a’ chruadal ach cruachadh ris, agus chuir e a rithisd agus a rithisd ris fein, mar nach b’e bathadh mor aig oirthir a bu mhath leis. Cha b’ uilear ach gu ’n do mharbh Bassus an leomhan agus gu ’n d’ eirich e nan deigh-san gun tuilleadh dalach. Bha e ’na ioghnadh mor le ar laoch-ne mar a rinneadh leis a’ chealgaire air an leomhan, ach bha e soilleir gur e a mharbhadh a rinn e air neo cha bhitheadh e an sin, agus bha e coltach nach d’ rinn e ach snagan air eiginn uaithe, oir cha b’ urrainn da an t-sraid a thoirt o Arsacius luchdaichte mar a bha e, agus dh’ aithnich Arsacius air a sin gu ’n deach a leonadh. A h-uile olc ge ’n d’ fhuair e riamh, rainig e, chuir e roimhe an dorus agus thug o a suas air, leig e ise as a ghairdean sios air suidheagan a bha an sin, agus bu ghann da sin a dheanamh an uair a chunnaic e a nàmhaid chuige an dorus asteach. Thug e oidhirp ghamhlasach air Arsacius. Chuir Arsacius an lann gu taobh gu cuimir, sgairteil, agus chunnaic e aig an aon àm gu ’n robh ’fhuil a’ sruthadh uaithe agus a’ sileadh air an urlar. Thug sin air gun gheurachadh air ach a bhi ’ga chumail dheth. Chunnaic Bassus nach robh math da bhi ris, agus a’ leigeil ’analach da, suil de ’n tug e chunnaic e Candida ’na luidhe air an t-suidheagan, agus thug e sithe chuice le glaodh uamhasach. Ach b’ ann leis an laoch againne a bu luaithe, agus tharruing e sathadh-chridhe mar a rinn e air fear an doruis, agus thuit Bassus marbh gun anam. . . . . . . . . . . Gheibhear deireadh gach sgeoil a nasgaidh. Cha ’n fhada ’na dheigh sin gus an robh rosg briosg mna aig Candida an aite rosg mhoill mhaighdinn mar a bha uirre roimhe. Bha ri h-uine clann aca agus clann cloinn, agus bha iad tuilleadh ann am meas agus ann an soirbheachadh gus a’ chrich. A’ cheud sgeul air fear an taighe agus sgeul gu la air an aoidh. Tha thusa, a’ leughadair, ann an tigh MHIC-TALLA an drasd; thug esan deagh sgeul dhut; an uair a thig an aithris mu ’n cuairt tha duil aige gu ’m bi sgeul eile agad dha; agus mur fearr an sgeul agadsa, na b’e dad a bu mhiosa. (A’ chrioch). LITIR A CEAP NOR. Ged shaolas sinn nach ’eil an geamhradh so mi-fhallain, tha mòran easlainte, aig an àm so ’n ar measg. Tha àireamh chàsan de’n ghriuthraich ’s an Acarsaid a Deas. Dh’eug triuir chloinne le tinneas nach ’eil mi-choltach ris an amhaich ghoirt, an taobh a stigh de cheithir seachduinean. Bu le Daibhidh Mac-a-Phearsain (mac Neill) dithis dhiubh sin. Bu leis an sgiobair Iain Fitzgerald an aon eile, cailleag a bha mu choig bliadhna deug a dh’ aois. Bha ’n lighiche Mac Keen a lathair aig càs no dhà dhiubh so, agus tha e ag radh nach i an amhach ghoirt a th’ann idir; ach tha mòran dheth ’n t-sluagh nach eil idir saor o eagal gu ’m faod e bhi air a mhealladh. Tha àireamh eile tinn, agus cuid air a dhol am feabhas o chionn ghoirid air an robh tinneasan eile. Dhiubhsan a tha fathast tinn tha ’n duine aosda, Gilleasbuig Domhnullach, agus cha’n ’eil mòr dhùil ri e dh’ fhaotuinn thairis air a thrioblaid. Mar so, ged tha bliadhna ùr agus linn ùr eile air tòiseachadh, cha ruig duine beò a leas a bhi deanamh cinnteach gu ’m faigh sinn ar reis a ruith troimh an t-saoghal so gun amhgharan agus trioblaidean ’g ar coinneachadh. Tha, gun amharus, mòran a’ dol as saor o chuid de dheuchainnean leis am bheil cuid eile gu mòr air an sarachadh; agus tha e cheart cho fior sin gu bheil ’s an t-saoghal àireamh lionmhor dhiubhsan a tha mar so air an sàrachadh, a tha giùlan gu foighidneach leis gach ni a tha ’m Freasdal a’ faicinn iomchuidh a leigeil ’n an rathad, am feadh a tha mòran de chach ’n an luchd cànrain agus gearain re am beatha gu h-iomlan. Oibrichidh trioblaid foighidin annta-san uile a ghabhas rithe ’san doigh iomchuidh, am feadh a tha mòran eile a sior fhàs ni’s ceannaircaiche ri aghaidh gach ni a bu choir a bhi ’g an treoireachadh gu aithreachas. Tha iad lionmhor air feadh an t-saoghail a ghuidheas mar a rinn Balaam o shean, “Faigheamsa bas an ionracain agus biodh mo chrioch dheireannach mar a chrich-san,” gidheadh leis nach aill air chor sam bith ni’s mo na b’aill leis-san, a bhi beo mar an t-ionracan air thalamh. “Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nithear anam nan dichiollach sultmhor.” Cha’n ’eil teagamh nach faighear mòran am measg nan lunndairean a tha pailt cho sanntach ris a chuid sin de’n mhuinntir dhichiollaich a tha cho dian an tòir air saoibhreas saoghalta a charnadh suas, co dhiu theid sin leo no nach teid. Tha e air àithne do na h-uile bhi dìchiollach, araon a thaobh an t-saoghail so agus an t-saoghail ri teachd. Bu truagh darireadh cor an t-saoghail nan robh a luchd-aiteachaidh gu leir nan lùnndairean. Tha na th’ann dhiubh a deanamh call do-labhairt dhoibh fein agus do mhuinntir eile, agus sin ann an doighean cho lionmhor ’s nach urrainn sinn an toirt fainear gu leir. So beagan [TD 243] [Vol. 9. No. 32. p. 3] dheth na sgriobh Solamh mu’n lunndaire:—Ghabh mi seachad air fearann an duinc leisg, agus air fion-lios an duine gun tuigse; agus feuch bha e uile air fàs suas le cluaranaibh, chomhdaich an eanntagach ’aghaidh, agus bhriseadh sios a bhalla cloiche. An sin chunnaic mi, thug mi ’n aire gu maith; dh’amhairc mi, fhuair mi foghlum. Fathast beagan codail, beagan clo-chodail, beagan pasgaidh nan làmh gu codal: an sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail agus d’ uireasbhuidh mar dhuine fo àrmaibh. M. D. Ceap Nor, Ian. 26, 1901. Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. III. THUIG a’ bhean uasal gu math ciod iad na smaointeanan agus na faireachdainean a bha ’g eiridh suas ann an inntinn Ghanem. Ach o’n a bha e ’g a ghluasad fhein gu measail, modhail, uasal, cha robh eagal sam bith aice roimhe. Bha fhios aig Ganem gu ’n robh feum aicese air biadh agus o nach robh toil aige leigeadh le neach sam bith ach e fhein biadh fhaotainn dhi, thug e leis seirbhiseach, agus dh’ fhalbh e mach a cheannach gach seorsa bidh a bhiodh feumail, freagarrach dhi. Cheannaich e rud dhe gach seorsa bidh a b’ fhearr na cheile, agus mar an ceudna measan is fion, agus a’ cheart seors’ arain a bhiodh air bord an righ. An uair a thainig e dhachaidh ghrad chuir e le ’lamhan fhein na measan air a beulaobh ann am meis mhoir shina cho math ’s a bha ri fhaotainn. “A bhaintighearna,” ars’ esan, “ma ’s e bhur toil e, gabhaibh rud dhe na measan so gus am bi biadh a’s fhearr deiseil.” Bha e air son seasamh aig a’ bhord a’ frithealadh dhi, ach thuirt i ris nach blaiseadh i air rud sam bith mur suidheadh e fhein aig a’ bhord a dh’ itheadh comhladh rithe. Shuidh e aig a’ bhord mar a dh’ iarr i air. Agus an uair a dh’ ith iad beagan, thug Ganem an aire gu ’n robh an srol a chuir a’ bhean uasal dhith ’na laidhe air an langsaid. An uair a bheachdaich e gu math air, chunnaic e gu ’n robh sgriobhadh ann an litrichean oir air am figheadh air an iomall aige. Thug i an srol dha, agus dh’ fheoraich i dheth am b’ urrainn e an sgriobhadh a leughadh. “A bhaintighearna,” ars’ esan, “mur rachadh aig marsanta air sgriobhadh is leughadh a dheanamh cha bhiodh e comasach air a dhleasdanas a chur an gniomh gu ceart.” “Seadh ma ta,” ars’ ise, “leugh na facail a tha sgriobhte air an t-srol, agus bheir thu dhomhsa cothrom air mo naigheachd innseadh dhut.” Ghabh Ganem an srol as a laimh, agus leugh e na facail so: “Is leatha mise, agus is leamsa thusa, ’fhir a tha de shliochd brathair athar an fhaidh.” B’ e righ Haroun Alraschid, a bha ’s an am a riaghladh, aon de shliochd Abbais, brathair athar Mhahomet. An uair a thuig Ganem brigh nam briathran so, thuirt e le guth muladach, “Ochan! a bhaintighearna shabhail mise do bheatha, agus bheir an sgriobhadh so am bas dhomh! Cha ’n ’eil mi ’tuigsinn lan sheadh nam briathran; ach tha iad a dearbhadh dhomh gur mi duine cho mi-fhortanach ’s a tha beo. Tha mi ag iarraidh mathanais, a bhaintighearna, air son m’ inntinn a leigeadh ris cho saor so. Bha e neo-chomasach dhomh d’ fhaicinn gun tuiteam ann an gaol ort. Tha thu fhein a’ tuigsinn gu ’m bheil a’ chuis mar so, agus nach b’ urrainn domh a bhith ’na chaochladh de staid, agus feumar mo leithsgeul a ghabhail. Chuir mi romham gu’n coisninn do chridhe le mo ghiulan measail, le mo churam, le mo dhichioll, le m’ umhlachd, agus le mo sheasmhachd; agus cha bu luaithe a chuir mi so romhan na thugadh uam mo dhochas gu buileach. Cuiridh am mi-fhortan so am bas orm an uine ghoirid. Ach, biodh sin mar a thogras e, bidh de thoileachadh agam gu’m faigh mi bas ann an trom-ghaol ortsa. Toisich gun dail, a bhaintighearna, tha mi ’guidhe ort, ri innseadh dhomh mu ’n mhi-fhortan a tha gu tighinn orm.” Cha b’ urrainn e na briathran so a labhairt gun na deoir a shileadh gu frasach. Bha cridhe agus inntinn na mna uasail fhein gu mor air an gluasad leis na briathran so, ach an aite bhith mi-thoilichte leis na briathran a labhair e rithe, is ann a bha aoibhneas gu leor oirre; oir thoisich i ri gaol trom a ghabhail air. Ach cha do leig i ris staid a h-inntinn dhasan. Agus mar nach biodh i ’cur suim sam bith anns na thubhairt Ganem rithe, thuirt i ris, “Na ’n robh fhios agam gu’n cuireadh sealladh dhe ’n t-srol a leithid de dhragh ort, cha robh mi air a shealltainn dhut. Agus cha ’n urrainn mi thuigsinn gu ’n cuir na tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut do staid anns an t-suidheachadh mhuladach a tha thu ’smaointean. “Feumaidh mi innseadh dhut, a chum gu’n tuig thu mo naigheachd, gur e Fetnah an t-ainm a th’ orm. Thugadh an t-ainm so orm an uair a rugadh mi, a chionn gu ’m b’ e barail dhaoine anns an am gu ’n tugadh sealladh dhiom iomadh amhghair do dhaoine latha eiginn. Feumaidh gu ’n cuala tu m’ ainm roimhe, o nach ’eil duine fuireach ann am Bagdad aig nach ’eil fhios gur e so an t-ainm a tha air a’ bhoirionnach og a’s mo air am bheil de mheas aig righ Haroun Alraschid. “Thugadh do’n luchairt mi an uair a bha mi gle og, agus fhuair mi arach is foghlum ann mar is gnath a bhith ’toirt do gach te dhe mo sheorsa a bhios a’ fuireach ann. Bha mi gu math ealamh gu ionnsachadh gach seorsa foghlum a bha iad a teagasg dhomh; agus, comhladh ris a so, o’n a bha tomhas de mhaise orm, ghabh an righ tlachd dhiom, agus thug e fa near seomar a chur air leith dhomh faisge air an t-seomar aige fhein. Cha ’n fhoghnadh so leis, ach dh’ ordaich e gu ’m biodh fichead searbhanta ’frithealadh dhomh, agus an aireamh cheudna de chaillteanaich. Agus riamh o ’n uair ud, tha e ’toirt dhomh a leithid de thiodhlacan luachmhor ’s gu ’m bheil mi ’g am fhaicinn fhin na ’s beairtiche na banrigh sam bith air an t-saoghal. Faodaidh tu a thuigsinn o na dh’ innis mi dhut gu ’n robh eud aig Sobaide, a’ bhanrigh rium, a chionn cho sona ’s a bha mi. Ged a tha ’n righ cho miadhail oirre ’s a b’ urrainn fear a bhith air mnaoi, tha i a deanamh gach ni ’na comas a chum cur as dhomhsa. “Gus a so chaidh agam air mi fhin a dhion o gach ribe a bha i sgaoileadh romham. Ach mu dheireadh chaidh aice air a h-eud mi-runach a chur an geill ’nam aghaidh, agus mur b’ e thusa, bha mi marbh roimhe so. “Cha ’n ’eil teagamh agam nach do thuarasdalaich i aon dhe mo shearbhantan gus deoch a thoirt dhomh an raoir a thug orm tuiteam ann an cadal cho trom ’s gu ’n deachaidh aca air mo thoirt air falbh gun fhios gun fhaireachadh dhomh. Bheir an deoch ud air neach cadal fad sheachd uairean cho trom ’s nach duisg rud sam bith e. Tha h-uile aobhar agam a bhith ’creidsinn gu ’m b’ ann mar so a bha, o’n a tha mi gu nadarra cho aotrom air a’ chadal ’s gu ’n duisg am fuaim a’s lugha mi. “Gus a h-innleachdan a chur an gniomh ghabh Sobaide an cothrom an uair a bha ’n righ air falbh air cheann a shluaigh a’ cogadh ri aon de na righrean a tha faisge air an rioghachd so. Mur b’ e an cothrom so fhuair i, cha bu dana leis a’ bhanrigh, goimheil ’s mar a bha i ugam, oidhirp a thoirt air mo bheatha a thoirt air falbh. Cha ’n ’eil fhios agam ciod a dh’ fheuchas i ri dheanamh gus an gniomh so a chumail an cleith air an righ. Ach tha e ro fheumail dhomsa gu ’n cumadh tusa an diomhaireachd so an cleith. Tha mo bheatha an crochadh ris. Cha ’n eirich beud dhomh ’na do thaigh-sa fhad ’s a bhios an righ air falbh a Bagdad. Tha e ro fheumail dhut fhein an diomhaireachd a chumail an cleith mar an ceudna; oir na ’m faigheadh Sobaide am mach gu ’n do shabhail thu mo bheatha dhomh, dheanadh i dioghaltas trom ort air a shon. “An uair a thilleas an righ, cha ruig mi leas uiread a dh’ eagal a bhith orm. Gheibh mi doigh air fios a leigeadh g’ a ionnsuidh mu dheidhinn a h-uile car mar a thachair dhomh, agus tha mi lan chinnteach gu ’m bi e na ’s deonaiche na mi fhin air duais a thoirt dhut air son na rinn thu dhomhsa agus dha fhein.” Cha bu luaithe a chur Fetnah crioch air na bh’ aice ri radh na labhair Ganem mar so: “A bhain-tighearna, tha mi ’toirt mile taing dhut air son an fhiosrachaidh sin a thoirt dhomh a dh’ iarr mi ort. Agus faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi gu ’m bi thu sabhailte gu leor ann am thaigh-sa. Tha na faireachdainean a dhuisg thu an taobh a staigh dhiom ’nan urras gu ’n cum mi an cleith na dh’ innis thu dhomh. “Agus mu dheidhinn mo chuid sheirbhiseach, feumaidh mi aideachadh nach urrainnear moran earbsa a chur annta. Is docha nach bi iad cho dileas dhomhsa ’s bu choir dhaibh, ma gheibh iad fios air mar a fhuair mise thu, agus c’aite an d’ fhuair mi thu. Ach cha ’n ’eil e comasach gu ’m faigh iad fios sam bith m’ a dheidhinn. An aite sin, theid mi am bannadh dhut nach feoraich iad dad m’ a dheidhinn. Tha e cho nadarra do dhaoine oga banoglaich mhaiseach a cheannach ’s nach cuir e annas sam bith orra thusa fhaicinn an so; oir creididh iad gur e do cheannach a rinn mi. Creididh iad mar an ceudna gu ’n robh aobhar sonraichte agam air do thoirt an so mar a rinn mi. Faodaidh tu, air an aobhar sin, d’ inntinn a chumail aig fois a thaobh a’ ghnothaich, agus faodaidh tu a bhith cinnteach gu ’m faigh thu uamsa gach seirbhis is urram air am bheil banoglach an righ dligheach. Ach mor ’s mar a tha e, ceadaich dhomhsa, a bhaintighearna, aideachadh gu follaiseach nach ’eil rud sam bith comasach air a’ ghaol a thug mise dhut a chur as mo chuimhne. Tha fhios agam nach leig mi gu brath as mo chuimhne nach ’eil cuid no gnothach aig an t-seirbhiseach ris na bhuineas d’ a mhaighstir. Ach thug mi gaol dhutsa mu ’n d’ innis thu dhomh gu ’n robh thu ann an ceangal posadh ris an righ. Cha’n ’eil e comasach dhomh stad a chur air a’ ghaol a thug mi dhut. Ged nach ’eil ach uine ghoirid o ’n a thoisich e, tha e mar tha cho laidir ’s a b’ urrainn a bhith. B’ fhearr leam gu ’n deanadh an righ dioghaltas air Sobaide le thusa thoirt gun dail air ais g’ a ionnsuidh; agus an uair a bheir e air ais thu g’ a ionnsuidh fhein, tha dochas agam gu ’m bi cuimhne agad air Ganem truagh a thug uiread de ghaol dhut ’s a thug an righ fhein. Ged a tha e na righ cumhachdach tha mi ’toirt orm fhin a chreidsinn nach bi e comasach dha toirt ort mise a dhichuimhneachadh. Cha ’n urrainn barrachd gaoil a bhith aig ort na th’ agamsa ort. Agus ge b’ e air bith aite dhe ’n t-saoghal anns am bi mi air m’ fhogradh gus am bas fhaotainn, cha leig mi thusa air dichuimhn.” (Ri leantuinn). [TD 244] [Vol. 9. No. 32. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 8, 1901. THA e car iongantach a’ ghnè reusonachaidh a tha air a chur an cleachdadh le muinntir nan Staidean air uairibh a thaobh neart us ceart eadar rioghachdan an t-saoghail, ’se sin ma tha iad ri ’n gabhail a reir nam paipearan-naigheachd a chi sinn a’ tigh’nn bhar criochan an dùthcha. Tha Breatunn mar is aithne dhuinn uile, a’cogadh ris na Boerich ’san deigh an duthaich a thoirt gu bhi fo a riaghladh féin. Bha àrd-thighearnas aig Breatunn thairis air na Boerich, ach thug i làn shaorsa dhaibh gu iad féin a riaghladh, agus leig i leotha riamh gus an do thòisich iad ri ainneart a dheanamh air Breatunnaich ’s air coigrich a chaidh do ’n Transbhaal, a dh’ fhosgladh mhèinnean, na daoine a rinn an dùthaich beairteach. Agus nuair a chaidhtear a dh’ fheuchainn ri ceartas fhaotainn dhaibh, ’s ann a chuir Crugar Breatunn gu dùbhlan, agus a ghairm e cogadh. Tha an cogadh sin air leantuinn fad còrr us bliadhna, ged a tha e nise gu math dluth air a chrich. Ann a bhi toirt iomradh air a chogadh so, tha àireamh mhor de phaipearan nan Staidean a labhairt mu na Boerich mar shluagh sitheil, neo-choireach, a bha mealtuinn saorsa roimhe so agus a tha nise cogadh ri Breatunn a feuchainn ris an t-saorsa sin a ghleidheadh. Cha leig iad seachad cothrom a gheibh iad air beum a thoirt do na Breatunnaich ’s air misneach a thoirt do na Boerich, agus shaoileadh neach a bhiodh ’g an leughadh gu robh neart a dol thar ceart nuair a bhiodh soirbheachadh sam bith leis an arm Bhreatunnach. Ach cha’n e so an aon chogadh a tha dol air adhart anns an t-saoghal. Tha cogadh beag leibideach aig muinntir nan Staidean air an lamhan féin. O chionn da bhliadhna air ais chuir iad an aghaidh air an Spàinn os leth nan Cubanach ’s nan Philippineach a bha aig an àm a feuchainn ri ’n saorsa chosnadh o ’n dùthaich sin. Aig crioch a chogaidh, cheannaich na Staidean na h-Eileanan Philippineach o’n Spàinn, agus riamh uaithe sin tha iad a feuchainn ris na h-eileanaich a chisneachadh. Cha’n eil an sluagh sin air son a bhi fo chuing nan Staidean na’s mo na bha iad air son a bhi fo chuing na Spainne. Tha iad ag iarraidh a bhi saor agus cothrom a bhi aca air iad fhéin a riaghladh. Cha’n eil boinne de dh’ fhuil Gheancach ’nan cuislean, agus cha’n eil còir aig na Staidean orra ach gu ’n do cheannaich iad o’n Spàinn iad nuair nach b’urrainn an duthaich sin an cumail dhi fhéin. Agus am bheil na paipearan Geancach a’ cur an t-sluaigh so air an aon ruith ris na Boerich? Am bheil iad ag radh gur daoine sitheil neo-choireach iad a tha feuchainn ri saorsa ’chosnadh, agus gur dùthaich ain-tighearnail na Staidean a tha feuchainn ri ’n còraichean dligheach a thoirt uatha? Cha ’n eil, cha ’n eil. Is ceannaircich agus luchd-reubainn iad! daoine borba, fiadhaich, aineolach a tha gu h-aingidh a’ togail arm an aghaidh na dùthcha tha feuchainn ri saorsa agus deagh riaghladh a thoirt dhaibh, agus a tha deònach an sparraidh orra ge b’ oil le’n amhaich! Tha a’ ghne reusonachaidh leis am bheilear anns an dòigh so a deanamh iasg de Bhreatunn agus feòil de na Staidean gle iongantach, ach cha ’n eil e idir annasach air muinntir na co-fhlaitheachda moire tha deas oirnn. Tha iad cleachdte ris o chionn iomadh bliadhna. Tha iad mar gu’m biodh gloineachan amhairc aca, a chuireas dath boidheach air cùisean a bhuineas daibh féin agus dath nach bi idir cho boidheach air cùisean a bhuineas do mhuinntir eile. Ach mar is luaithe chuireas iad na gloineachan meallta sin uapa ’s ann is fhearr dhaibh féin ’s is taitniche do mhuinntir dhùthchannan eile. ANNS an àireamh dhe ’n MHAC-TALLA a thainig a mach air October 26, bha “Oran Stuamachd” air a chlo-bhualadh, a tòiseachadh leis na briathran so:— “Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn Fior-uisge fallain nan lòintean.” Bha e air a chur ugainn leis an ùghdar á Eilean a’ Phrionnsa. Ach ann an àireamh dhe’n Oban Times a thainig gu ar laimh o chionn ghoirid, fhuair sinn an t-òran ceudna air a chur an clò mar gu’n biodh e air a dheanamh le neach eigin ann an Toronto, agus gun ghuth no iomradh air e bhi riamh ann am MAC-TALLA! Tha sinn an dùil, co-dhiu, nach cuir so fearg sam bith air ar caraid á Eilean a’ Phrionnsa, oir nochdaidh e dha gu bheil e ’na bhàrd na ’s fhearr na bha e-fhéin, ma dh’ fhaodte, ’n dùil. Mur biodh an t-òran air a dheagh dheanamh, cha rachadh am fear eile ’ga ghoid air. Tha sia ceud ceisd ri bhi air an cur le luchd àireamh an t-sluaigh ’nuair a thòisicheas iad air an obair sin. Cosgaidh sin moran ùine. Chunnaic sinn duine uair us uair a chuireadh sia ceud ceisd ann an ùine gle ghoirid, ach bha e coma co dhiubh gheibheadh e freagairt no nach fhaigheadh. Ach na ceistean a chuireas luchd na h-àireamh, feumar am freagairt. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Th an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 245] [Vol. 9. No. 32. p. 5] NAIGHEACHDAN. Aig an taghadh Di-mairt s’a chaidh bha Mr. Crowe air a chur a stigh a rithist mar àrd-bhaillidh le 272 bhot a bharrachd air Mac Fhionghain. Mar chomhairlichean, bha air an taghadh, anns a cheud roinn, Iain A. Young; anns an darra roinn, Howard Caimbeal; anns an treas roinn, Domhull Domhnullach; anns a’ cheathramh roinn, H. S. Ros, agus Eideard Keefe; agus anns a choigeamh roinn, Uilleam Fitzgerald agus Ailean Mac-Leoid. Ann an Sidni Tuath bha D. D. Mac-Coinnich air a chur a stigh mar àrd-bhàillidh, gun duine ruith na aghaidh, agus fhuair na seana chomhairlichean uile stigh a rithist. B’fhearr gu ’n robh na h-uile Gàidheal aig am bheil an comas cho dichiollach os leth na Gàilig ri Domhull Mac-Ille-ghlais, ann an Stellarton—no mar a their e féin ris “Baile-nan-Reul.’ Cha’n eil geamhradh o chionn beagan bhliadhnaichean nach eil e a teagasg leughadh Gàilig do àireamh thaghte de dhaoine tha cheana comasach air a labhairt. Is e MAC-TALLA ’s leabhar-oilean dha, agus is e cheud dhleasdanas a tha e ’g iarraidh air gach duine de na foghlumaichean a bhios fo theagasg cur a dh’ iarraidh a phaipeir Ghàilig. Tha e a creidsinn, agus a creidsinn gu ceart, gur h-e paipear Gàilig aon de na meadhonan a’s cumhachdaiche air son cumail suas na Gàilig anns an dùthaich so. Tha sinn an dòchas gu ’n bi saoghal fada air a thoirt dha agus làn chomas air a bhi deanamh na bu mhiann leis os leth na cànain d’ am bheil sinn uile toirt gràdh cho mor. Bha tòrradh Ban-righ Victoria air a dheanamh le mor-ghreadhnachas, agus ged a bha an latha fuar, fliuch, chruinnich sluagh mor do Lunnuinn a dh’ fhaicinn an t-seallaidh. Di-haoine bha corp na ban-righ’nn air a thoirt o Eilean Wight, far ’n do chaochail i, gu Portsmouth, far an robh e air a chumail air bòrd soithich gu maduinn Di-satharna, agus geard làidir de sheòladairean ’s de shaighdearan air. Eadar Eilean Wight us Portsmouth bha da shreath dhùbailte de shoithichean cogaidh a sineadh air gach taobh dhe’n t-slighe a ghabh an soitheach air an robh an giùlan. Maduinn Di-satharna bha a chiste-laidhe air a toirt gu Lunnuinn air carbad-smùide, agus aig cala Victoria bha i air a cur air carbad gunna-mhoir, ’s an crùn ’s an t-slat rioghail air a h-uachdar. Bha an carbad sin air dath Khaki (ruadh) agus air a tharuinn le ochd eich gheala, na ceart eich a bha ’ga giùlan beò aig an Iubili an 1897. Bha àireamh mhor reiseamaidean a siubhal romh ’n ghiulan, agus bha gach oifigeach us saighdear air a sgeadachadh ’sa chulaidh a b’fhearr a bh’ aige. Cha robh ach fior bheagan dubh air a nochdadh. Direach as deigh carbad a ghiùlan bha an righ a marcachd, agus a bhrathair, Diuc Chonnaught, air a laimh chli, ’s Impire na Gearmailt air a làimh dheis. Bha Righ na Greige ’s righ Phortugal a’ marcachd ’nan deighsan, agus an sin thainig muinntir an teaghlaich rioghail ann an carbadan. Dh’ fhàg an giulan cala Victoria mu leth-uair an deigh aon uair deug, agus rainig e cala Phaddington aig cairteal an deigh aon uair, Ann an sin bha a chiste air a cur air a charbad-iarruinn, ’s air a toirt gu Windsor, far an robh i air a cur air carbad gunna-mhòir a rithist ’s air a toirt do eaglais Naomh Seòras far an robh seirbheis nam marbh, a reir nòs na h-Eaglais Shasunnaich air a cumail. Bha an corp air a chumail anns a’ chaisteal gu Di-luain, ’nuair a bha e air a ghiùlan gu tigh-adhlacaidh Frogmore. Is ann an so a tha a céile Ailbeart an tiodhlacadh, agus an sin tha a chàraid rioghail a bha cho sona ann an gradh a chéile ’s urram an t-sluaigh gus ’n do sgar am bàs iad, ’nan cadal deireannach. Bidh an t-àite air a chomharrachadh am mach re iomadh bliadhna ’s linn ri teachd mar an t-àite anns am bheil a bhan-righ bu ghlice ’s a b’ fhearr a bha riamh thairis air Breatunn, agus a céile, ’nan laidhe gu tosdach, sàmhach, ann an suain a bhàis. Anns na bliadhnaichean so tha e air fàs gle fhasanta do dh’ uaislean bochda am Breatunn ’s an dùthchannan Eòrpach eile a bhi pòsadh nigheanan dhaoine saibhir a mhuinntir nan Staidean. Tha an t-airgead roghann aig moran de dhaoine uaisle na h-Eòrpa, agus nuair a theid iad a dh’ iarraidh mnatha, ’s math leotha té fhaotainn aig am bi dòrlach math de chuid an t saoghail so air chùl a laimhe. Agus nigheanan nam milleanairean ’s na Staidean, tha iad ’g am meas féin os ceann dhaoine cumanta nach urrainn tiodal is àirde na Mister no Esquire a chur ri’n ainm. ’S fhearr leotha fear a tha ’na Dhiùc no ’na Iarla no na Mhorair, no ’na Bharan, ged nach biodh sgillinn ruadh ris an t-saoghal aige, na an duine ’s fhearr foghlum us tapadh ’s is mo saibhreis a tha dhith tiodail. Tha na h-uaislean bochda ’s na caileagan saibhir air an aobhar sin a freagairt cho math air a’ chéile ’s nach eil e ’na ioghnadh mor sam bith iad a bhi deanamh mar a tha iad. Tha sinn duilich gu bheil againn air an t-seachdain so ri sgeula-bais Dhomhuill Mhathanaich innse. Chaochail e feasgar Di-haoine s’a chaidh, an deigh fulang re ùin’ fhada le tinneas ro-chràiteach. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa tri a dh’ acis, Rugadh e aig Grand Rìver, agus thainig e do ’n bhaile ’na òige. Chaidh e ’na chléireach ann an stor, lean e ris an obair sin, agus an ceann beagan bhliadhnaichean bha e deanamh gnothuich dha fhéin. Cha do sguir e chumail stoir gu meadhon an t-samhraidh s’a chaidh nuair a bha a shlàinte air bristeadh. Cha mhor de ar luchd-leughaidh anns an t-siorrachd nach robh eòlach air, agus cha robh aig neach ach a bhi eòlach air gu bhi measail air. Bidh ionndrain mhor air anns a’ bhaile so, oir bha e ’na dhuine onorach, seasmhach, a bhiodh daonnan air taobh an ni a bhiodh ceart. Bha e ’na bhall de’n eaglais Chléirich, agus na eildear an eaglais Sraid Falmouth. Bha e air adhlacadh Di-luain, agus ged a bha an latha gle mhi-fhàbharrach, ba barrachd sluaigh cruinn ’sa chunnaic sinn aig tòrradh an Sidni o chionn àireamh bhliadhnaichean. Bha seirbhis-adhlacaidh aig a chléir anns an eaglais, agus anns a’ chladh aig na Saor Chlachairean, comunn de’n robh e ’na bhall measail o chionn còrr us coig bliadhna fichead. Bu bhràthair e do Alasdair Mathanach, am post-mhaighstir. Bha e pòsda, ach cha robh teaghlach idir aige. Tha co-fhaireachdain againn ri bhantraich, ri bhràthair agus ri chàirdean eile tha caoidh an call. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN Airson Sanas bho KELLY & DODGE, Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn air a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. [TD 246] [Vol. 9. No. 32. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXIX. Dh’fhan an soirbheas fàbharach gus na sheòl am bàt’ anns an robh am Prionnsa ma uidhe mhil’ ar fhichead bho’n fhearan Uidhisteach, an sin dh’ fhas an t-side rudeiginn stòirmeil, agus a chum misneach Fhionnaghail a chumail suas thòisich Tearlach air gabhail òrain agus ri innseadh naigheachdan beag’ àbhachdach, a chumadh air falbh an fhadachd. Ma thùs na chamhanaich cha robh fearann sam bith ’nan sealladh, uime sin cha robh fios aig an sgioba c’àit’ an robh iad. Co dhiù, chum iad oirre air a’ chùrsa bha fo sròin, agus cha b’ fhada gus na bhrist beanntaichean corrach an Eilein-Sgiathanaich tro cheò na maidne. Dh’iarr an stiùradair a bréid a thoirt suas gu ard nan ullag, ’s ma uair a dh’ ùin’ an deigh sin bha iad aig rinn Rudha-Bhatairnish air taobh siar an Eilein. Cho luath sa theann iad ri fearann chunnaic iad prasgan de na fir fhreiceadain a bha feitheamh a’ chladaich Sgiathanaich, a chum fògaraich a ghlacadh, agus bho dhìdeann a ghabhail air sgàth nan crìoch sin. Bha sia-ramhach air a taruinn suas ann an camas far an robh iad so na’n stad, agus air ball chuir iad sios i gus an d’ fhuair iad an sàile fo druim, ach, gu dona, leibideach, dhaibh-féin, agus gu sealbhach do’n anrach rioghail, cha robh aon chuid ràmh no taoman aca. Air faicinn sin do na h-Uidhistich thòisich iad air cruaidh iomradh a mach bho’n fhearann; ghlaodh na fir a bh’ air tìr iad a thighinn gu cala air neo gu’n loisgeadh iad orra, ach cha do leag na h-Uidhistich orra gu ’n robh iad ga ’n cluinntinn. Ann am mineid bha na peileirean a feudaireachd ma chluasan an sgioba: dh’ iarr Tearlach air Fionnaghal i shuidhe sios air ùrlar a bhàta chum na peileirean a sheachnadh. Thuirt Fionnaghal gum bu chòir dha féin an ni ceunda dheanamh, gur e bheatha mòran bu luach-mhoire na beatha-sa’. An sin thuirt Tearlach, “O cha ’n eagal domhsa! cha’n eil a chuspaireachd ro mhath!” Thuirt e sin ris an sgioba: “Fhearabh mo chridhc, suas leatha; ’s na tugaibh feairt air na daoidhearan, bheir dusan àlach eile, sibh glan ás gach cunnard.” Thaitinn na briathran sin gu ro mhath ris an sgioba agus dh’imir iad am bàta dìreach mar dh’ iarr e, a’ toirt “hùgan air cuan nuallach, gàireach,” gus an deach iad air tìr anns a Chamus-Mhòr an Cille-Mhoire Thròtairneis glè fhagus do thaigh Shir Alasdair Mhic-Dhòmhnuill (Shléibhte) ann am Moghastard. Bha Sir Alasdair mu’n am sin ann an Cille-Chuimean còladh ri Diuc-Uilleam, ach bha a’ bhaintighearna, a nochd mòr chaoimhneas roimhe sin do’n Phrionns’ aig a’ bhaile. ’Nuair a tharruinn iad suas am bàta chaidh Fionnaghal Dhòmhnullach agus Niall mac Eachainn suas gu taigh Mhoghastard, a’ fàgail a’ Phrionnsa ’na thrusgan bainionn ’na shuidhe air ciste air a mhol. ’Nuair a rainig i ’n talla chuir i fios thun na baintighearn’ gu ’n robh i air son a faicinn. Air ball chaidh Fionnaghall a ghairm a steach do’n t-seomar, anns an robh air an àm sin ’nan suidhe, bean Mhic-Dhòmhnuill Chirce-Post, agus mac do Dhòmhnull Mac Leòid a Bhaile-mheadhonaich, gil òg ’bha na oifigeach anns an arm dhearg, agus a bha mu’n àm sin ann am Moghastard le prasgan sluaigh, a cumail freiceadain air eirthire Thròtairneis de’n Eillean-Sgiathanach an earalas gun tigeadh am Prionns’ air tìr sa’n ionad sin. Bha mar an cianda sa’n t-seòmar Mr Alasdair Dòmhnullach fear Chìse-Bòrgh, a bha ’n uair sin na shiamarlan aig Shir Alasdair Shléibhte. Bha ’n duin’-uasal sin ann an deagh rùn do Thearlach, air chor is nach bu chunnard ged a gheibheadh e fios gun robh e air sgàth a’ bhaile. ’Nuair a chaidh na h-uaislean gu léir sios gu’n dinnear, dh’ fharraid an t-oifigeach Mac-Leòid na h-urraid de cheistean mionaideach de dh’ Fhionnaghal Nic-Dhòmhnuill:—Cia as thainig i, agus c’ àite bha i dol, ciod a bha aic anns an eithir, agus mar sin sìos. Dh’ fhreagair Fionnaghal gach ceist dhiubh so gu h-amaisgeil, gun dad de na bhreisleich sin a thaisbeanadh, anns bu dù do mhaighdein òig a bhi ann a leithid sin do chàs. B’àbhaist do Mhac-Leòid roimhe so gach bàta thigeadh air sgàth cladaich a mhìn-sgrùdadh rè mhìosan roimhe so, ach labhair Fionnaghal cho faiceallach, pòngail is nach do smaontich e fògarach, de sheòrsa sam bith a bhì na fochar. Air dhaibh an dinnear a ghabhail sméid Fionnaghal air fear Chìse-Bòrgh do sheòmar air leth, far an d’innis i dha gun robh am Prionns’ air tighinn còladh rithe á Uidhist, agus gun robh e mu’n àm sin aig an tràigh, air éideadh ann an trusgan mnàtha, chum a chur ás aithne. Air ball chuir fear Chìse-Bòrgh air tòir na baintighearn do’n t-seòmar far na leig e ris d’i an diomhaireachd ma dheighinn am Prionnsa bhi cho fagus a làimh. Cho luath sa chuala bhaintighearn so chaochail i snuagh, agus ghlaodh i le reachd guil na muineal, agus deòir le rosgan—“gun robh i-féin agus a teaghlach shios deth.” Ach thòisich fear Chìse-Bòrgh, a bha dheth féin na dhuine suidhaichte, ciallach, air a sìtheachadh, ag ràdh rithe, gun tugadh e am Prionnsa dh’ ionnsaidh a thaighe féin.—“Cha ’n eil annam a nise,” arsa fear Chìse-Bòrgh, “ach seann duine, agus cha dean e mòr mhùthadh co dhiù a dh’ fhàgas mi an saoghal so gun dàil le tobha mu’m amhaich, no dh’ fhanas mi ri bàs nàdurrach, nach Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 247] [Vol. 9. No. 32. p. 7] urrainn a nis’ a thaobh nan lathaichean gus an tàinig mi ’bhi fad’ air falbh.” Air dhaibh a bhi ’nan triùir mar so greis a’ conaltradh ri chéile, ghabh fear Chìse-Bòrgh a chead diubh, mar gum biodh e dol dachaigh, agus thug a bhaintighearna dha, mar gum b’ann gu biadh-siubhail, shearrag fhiona agus còrn, maille ri leth-dusan bhriosgaidean fìnealt, agus cnuac de chàise ghobhar, a bh’air a mheas san àm sin na làn-beoil cho tarbhach agus cho falain sa chaidh riabh am beul duine. Chaidh fear Chìse-Bòrgh sa’ chiad dol a mach a shealltainn air Tearlach. Cha robh am Prionnsa mu’n àm so cho fagus do Mhoghastard sa bha e ’nuair a thainig e air tìr. Dh’ innis Niall mac Eachainn dha roimh làimh gun robh fear Chìse-Bòrgh gu cùram a ghabhail dheth, agus gu threòrachadh gu ionad falaich bu tearuinnte na far an robh e. ’Nuair a chunnaic am Prionnsa fear Chìse-Bòrgh a’ deanamh dìreach air an lagan anns an robh e dha fhalach féin, dh’ éirich e agus riuth e na choinneamh le cuaille mòr de mhaide carraigeach daraich na làimh, agus dh’ fheòraich e ris,—“An sibhse Mr Mac-Dhomhnuill Chìse-Bòrgh.” Thuirt fear Chìse-Bòrgh gu ’n b’e. “O! ma tà,” ars am Prionnsa, “togamaid oirn’ as a’ so.” Thuirt fear Chìse-Bòrgh ris e dh’ fhantainn gus an gabhadh e ùracha bìdh, agus sgaoil e na briosgaideau agus an càise sìos air lic fa chomhair an airceich Rìoghail, a thoisich air ithe gu taingeil, toilichte. Air do dh’ fhear Chìse-Bòrgh còrn dheth an fhion a lionadh, dh-òl Tearlach air a shlàinte a’ cheart cho sùgach, àbhachdach, is “ged nach b’fhiamh an tòir.” Air dha acras a chasg thriall iad air an turas gu taigh Chìse-Bòrgh far an robh sùil aig Tearlach an òidhche sin a’ chur seachad. Tacan an deigh sin, ’nuair a mheasadh gun robh fear-Chìse-Bòrgh agus am Prionns’ air imeachd beagan air an turas, dh’ eirich Fionnaghal Dhòmhnullach bho’n bhòrd gu triall dachaigh, thuirt baintighearn Shir Alasdair (chum an oifigich Mhic-Leòid a chuir á amharas) gu’m b’ fhearr dh’ i fantainn a nochd Thuirt Fionnaghal, “nach b’ urrainn i sin a dheanamh, a thaobh a mathair a bhi ann an droch shlàinte, agus gu tur na h-aonar anns an àm dhòrainneach so.” Mar sin thriall i-féin agus Niall mac Eachainn air an tùras. Bha bean-Chirce-Post, a sgalag agus a bean-mhuinntir mu’n àm sin a dol dhachaigh, á Moghastard do Chirce-Post, agus gus an t-slighe a ghabhail car beagan mhiltean ’nam fochar, dh’fhag iad Moghastard ’nan cùignear a marcachd, agus cha b’fhada gus an tàinig iad suasri fear Chìse-Bòrgh agus ris a’ Prionns’ a bha triall da’n cois agus a bha nise gu bhi siubhal maille riu fad dà mhile gus an ruigeadh iad ath-ghoirid àraidh a bha iad gu ghabhail thar bealach tarsainn an dùthaich. Bha Fionnaghal a nis’ air son nach biodh fios aig sgalaig no aig bean-mhuinntir Bean Chirce-Post (nach d’ fhuair fathast fios na diamhaireachd) air an fhar-rathad a bha’m Prionns’ agus fear Chìse-Bòrgh gu ghabhail; air an aobhar sin thug i air Niall mac Eachainn na h-eich a ghreasad, agus chaidh iad seachad air a’ Prionns’ agus air fear Chìse-Bòrgh nan cruinn-leum. Co-dhiù thug beanmhuinntir bean-Chirce-Post fainnear cho slaodach sa’ bha ’m boireannach a bha còladh ri fear Chìise-Bòrgh ’na trusgan, agus labhair i mar so ri Fionnaghal Nic-Dhomhnuill:—“Cha’n fhaca mi riabh cho ladorn amharc ris a’ bhoireannach àrd ud, faicibh na gàmagan fada tha bhunngaid a’ gearradh! cha chreid mi nach ban-Eireannach i, oir neo fireannach ann an aodach mnà.” Thuirt Fionnaghal, gum b-e a ciad bhaireal a bha ceart, gu’m bu bhan-Eireannach i. Tacan an deigh sin dhealaich Fionnaghal ri bean Chirce-Post, agus mharcaich i-féin agus Niall mac Eachainn gus an tainig iad suas ri fear Chìse-Bòrgh agus ri Tearlach. (Ri leantuinn.) BIDH litir anns an ath àireamh o ar deagh charaid, Seumas A. Mac-Gillemhaoil, as na h-Eileanan Coille, E. P. I. Is fhada ’n ùine o nach d’ fhuair sinn litir o Sheumas roimhe, agus bha sinn ’gan ionndrain. Tha sinn an dochas nach bi an ath litir cho fad an deigh na té so ’sa tha ’n té so an deigh na té mu dheireadh a thainig roimpe. Agus o’n a tha sinn a tigh’n thairis air litrichean nach eil an t-àm againn cluinntinn o “Mhurchadh Cam,” fear aig am bheil Gàilig cho glan ’s cho geur ri duine air an d’ fhuair sinn riamh eòlas. Cluinneamaid uaithe air neo gu firinneach cha bhi sinn reidh ris. Ann an cùirt nam maor am baile Thoronto, Di-satharna, Ian. 26, cha robh aon chàs ri fheuchainn, ni nach do thachair anns a’ bhaile sin o chionn tri bliadhna fichead. A reir cleachdaidh thug na fir-lagha agus oifigich na cùrtach paidhir de làmhannan geala do ’n bhreitheamh. Feumaidh e an deagh aire thoirt dhaibh, ma theid ùine cho fada seachad mu’m faigh e an ath phaidhir. Tha an ard-pharlamaid a nise cruinn ann an Ottawa; chaidh a fosgladh Di-ciaduin s’a chaidh. ’Se so a cheud suidhe an deigh an taghaidh. Cha ’n eil e air innse gu bheil ghothuichean cudthromach sam bith ri bhi air a thoirt air adhart aig an t-suidhe so, agus ’se ’s docha nach bi i cruinn cho fada ’sa b’ àbhaist bliadhnaichean roimhe. Tha an obair-iaruinn a nise ’g obair. Chaidh an teine ’lasadh ’sa cheud fhùirneis oidhche Di-satharna s’a chaidh, agus Di-mairt bha a cheud mheall de’n iaruinn leaghte air a leigeadh as a phoit-leaghaidh. Dh’ obraich gach ni gu math, agus tha an fhùirneis ri bhi air a chumail air obair gun tàmh o so a mach. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an calamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 248] [Vol. 9. No. 32. p. 8] Marbhrann do Iain Ruadh Piobair. Rinneadh an dà òran a leanas le Gilleasbuig Domhnullach, neo mar a theirteadh gu cumanta ris, “Gille na Ciotaig.” Rugadh am bàrd ainmeil so am Peabull, an Uidhist a Chinn-a-Tuath. ’S e duine anabarrach geur-chuiseach a bh’ ann an “Gille na Ciotaig,” mar a chithear anns na h-òrain a leanas. Tha e air innse gu ’n do chòrd am “Marbhrann” agus an “Aiseirigh” cho math ri Iain Ruadh ’s gu ’n d’ thug e suim airgid dh’ an bhàrd. Fhuair mi sgeula bho ’n ghobha, Cha ’n aobhar meoghail ach gruaim; E fein fo mhì-ghean ’s fo thrioblaid Ri iarrunn cist’ do dh’ Iain Ruadh; Saoir a’ locradh ’s a’ sàbhadh, ’S a’ chulaidh bhàis ’g a cur suas, Sàmhach cadal na curra, Cha chluinnear tuilleadh a fuaim. Chaidh na maidean a òrdugh Cha ’n aithne dhomhs’ an cur suas, Tha ’n gaothair air stopadh, Tha ’n dà dhos ’n an trom shuain, Chaill an seannsair a chlaisteachd; Tha ’n gleus air a ghrad leigeil suas, Bho ’n tric a thainig ceol taitneach, Rogha caismeachd mo chluais. Ceol bu bhlaisd’ ’us bu bhinne, Dhùisgeadh Spiorad do ’n t-sluagh; Ceol bu tartaraich’ siubhal, Thionndadh tioma gu cruas: Ceol mar smeorach a’ ghlinne; Ceol a’s binne na cuach; Meoir gun bhraise gun ghiorradh, Dionach, ruith-leumnach, luath. Bu sgiolta sealladh do sheannsair Air port ’s air crunn-luath ’s air cuairt, Pronnadh cnaparra, lughmhor, Caismeachd shunntach ’s an ruaig; Dheanadh gaisgeach de ’n sgliuraich, Chuireadh diùnlach ’n a luaths; Claidhmhnean glasa ’g an rusgadh; Claignean bruit’ aig luchd fuath. O’n dh’ fhalbh an companach sàr mhath, Dh’ fhalbh an ràbhart ’s an spòrs, Dh’ fhalbh beannachd na cloinne, ’S e sheinneadh an ceòl; Nis o rinneadh do chàradh An ciste chlàraich nam bòrd, ’S mor is misd iad am Phàro Gun fhear do ghnàis a’ bhi beò. Dh’ fhalbh an deagh ghille cuideachd, Nach robh sgrubail ’s an òsd: Dh’ fhalbh fear tràghadh nan searrag, Chosgadh barrachd air stòp: Dh’ fhalbh fear deanamh nan duanag, Leis an luaighte’ gach clò; Cha b’ e ghnàs a’ bhi gearan, Ge iomadh gloin thug dha pòg. ’S beag mo shunnt ri la féile; ’S beag mo spéis dheth gach ceòl; ’S beag mo thlachd a’ bhi ’g éisdeachd Gaoir theud fir nan cròc:* Leam a b’ annsa do bhruidheann, An àm suidhe mu ’n bhòrd, Na droch dhreochdan air fidhill, Mar fhuaim snidh ann a’ lòn. Bha thu d’ dhannsair air urlar; Bha thu siubhlach air snàmh; Bha thu d’ charaiche lughmhor, Cha bhiodh tu d’ lùirich fo chàch; Urram leum agus ruithe, Glac threun a ruitheadh an ràmh, ’S an àm caithe’ na cloiche Bu leat an toiseach air càch. ’S iomadh aon tha ’g a’ d’ ionndrain O’n chaidh uir ort ’s an uaigh; An toiseach labhair an spliùcan Bhiodh tu giulan gach uair, “Tha mi fein gun tombaca, Cha b’ e sud cleachdadh a fhuair, ’S tric chuir Iain fo m’ achlais Greim ’us cairteal ’us cuach.” Thuirt a ghloine bha ’n Asdain, “Mo sgeul chraiteach ro chruaidh; Dh’ fhalbh mo shugradh ’s mo mhàran— Thug am bàs leis Iain Ruadh! Fear a chluicheadh a’ chlàrsach, ’Dheanadh dàn agus duan: Cha b’ e Caluinn a’ chrampaidh Fonn a b’ fhearr leis ’g a luaidh.” Thuirt am pige bha làmh ris, “Faigh an t-àrca gu luath? Cuir am chlaigeann-sa spàirt e— Tha tart ’s gach àite mu ’n cuairt. Thainig con-traigh na plàighe, Tha nithe gnàthaiche bhuainn: Cha bhi reothart gu bràth ann, ’S ann a thraigheas an cuan.” Thuirt am buideal ’s am botal Thuirt an goc ris an stòp Thuirt an copan ’s an t-slige “’S mor an sgrios th’ air tigh’n oirnn! Tha gach sruth air a dhunadh Bha cur a dh’ ionnsuidh nan lòn; Cha ’n fhaighear drap air an urlar A fhliuchas brù Dhomhuill òig.” Thoir mo shoiridh-sa thairis Dh’ ionnsuidh ’n fhearann ud thall; O nach faod mi bhi ma’ruibh, ’S leibh mo bheannachd ’s an àm; Biodh an uaigh air a treachaid Ann a’ fasan nach gann. Buideal rum aig a chasan, ’S rol thombac aig a cheann. * Fidhleir dall do ’m b’ ainm Domhull Mac-Amhlaidh (Domhull Ruadh Dall). Aiseirigh Iain Ruaidh. SEISD. Ho-ro gu ’m b’ éibhinn leam A chluinntinn gu ’n do dh’ éirich thu; ’S ann leam is ait an sgeula sin, Gu ’n deach’ an t-eug cho teann ort. Chuala mi gu ’n d’ chailleadh thu, ’S gu ’n do rinneadh t’ fhalaire; ’S e cuis mu ’n robh mi gearanach, Do bhean a bhi ’n a bantraich. Thug iad bho na h-òsdairean Buideal am bun tòrraidh dhuit, Ma bheireas mi gun òl air ’S ann a ni sinn seòrsa bainnse. O’n tha ’n giuthas sàibht’ agad, ’S gu ’n d’ rinn an gobha tàirnean dhuit, ’S ann theannas sinn ri bàta Theid gu Phàro dh’ iarraidh branndai. Cha bhi dad a dh’ éis orra, Gheibh i gach ni dh’ fheumas i: Ni ’n lion aodach seol meadhoin d’ i, ’S gu ’n dean na spéicean crann d’ i. Cha ’n easbhuidh nach bi ballaibh ann, Gu cuplaichean ’s gu tarruinnean, Tha ròpaichean gun ghainn’ againn, ’S gu ’n ceangail sinn gu teann iad. Cha ’n ’eil m’ inntinn gearanach, O’n chuir thu dhiot an galair ud, ’S ann tha do phiob ’na deannal, A’ toirt caithream air ceol dannsa. ’N uair bha thu ’s an réiseamaid, Bu sgairteal, tapaidh, treubhach thu, Na h-uile fear a leumadh ort, Ghréidheadh tu gun taing e. ’N uair bha thu ’n a’ t’ òganach Bu lionmhor àit’ am b’ eòlach thu, Chunna’ mis’ an clòsaidean Ag òl an *Amsterdam thu. Taigh-seinnse a bh’ ann an Asduinn. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar a tha do Shuilean? Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr. Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2.00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1.35, $1.50 us $2.00 suas. Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas. Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid. A. W. REDDEN & Co. Ross Block, - - South Charlotte St. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE, 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. [TD 249] [Vol. 9. No. 33. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 15, 1901. No. 33. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XI. “AONGHAS A’ DOL THUN AN REITICH.” AIG an àm bha Aonghas is Domhull air tighinn gu snaim an rathaid, agus bha fear dhiubh ri gabhail mu dheas, agus am fear eile ri gabhail mu thuath. “A nis, mu’n dealaich sinn,” arsa Domhull, “feumaidh sinn oidhche ’shuidheachadh air an teid sinn a dh’ fhaicinn nan nigheanan mar a b’ àbhaist dhuinn; oir ma sheachnas sinn an taigh, is dòcha gu ’n gabh muinntir an taighe, agus, ma dh’ fhaoiteadh, muinntir nam bailtean, amhrus gu’m faca no gu’n cuala sinn rud nach do chòrd ruinn. Ged nach ’eil gnothach gu bhith againn re té seach té dhe na h-igheanan, cha bu mhath leam gu’n gabhadh iad gruaim no gamhlas ruinn. Dona ’s mar a tha iad, tha e pailt cho math dhuinn a bhith réidh riutha ri chaochladh. Faodaidh sinn leigeadh leis a’ chùis fuarachadh beag air bheag.” “Tha thu ceart gu leòr,” ars’ Aonghas. “Nan d’ fhuair mise cothrom air an lòsan a chur anns an uinneig mar a bha e roimhe, bhithinn cearta coma ged nach seasadh mo chas an taobh a staigh dhe’n dorus aca gu bràth. Ach tha mi ’creidsinn gur e ar gliocas a’ cheud chothrom a ghabhail air a dhol air chéilidh orra. Tha mise falbh am màireach gu ruige Cul-fraoin. Tha mo sheana charaid, Iain Camaran, gus a bhith réiteach an ath oidhch’ ri Mairi nighean Alasdair òig. Agus is ann riumsa tha e ag earbsadh an nighean iarraidh dha oidhch’ an réitich. Cha ’n ’eil fhios agam am bi mi air m’ ais gus am bi am pòsadh seachad. Is docha gur ann orm a thig a bhith ’nam fhleasgach pòsaidh. Bu cho math leam obair eile ris; ach cha ’n fhaod mi Iain a dhiultadh ma chuireas e an gnothach mu ’m choinneamh. Tha làn àm aige pòsadh ma phòsas e idir, agus bu ghnothach oircheasach do gach neach a h-uile misneach a thoirt dha. Agus ged nach tachradh dhomhsa a bhith cuide riut faodaidh tu a dhol air chéilidh a thaigh a’ mhaoir oidhche sam bith a fhreagras dhut, o’n a bhios tu aig an taigh.” “Cha rachainn an còir an taighe gun thu fhein comhladh rium ged a bheireadh tu deadh cheannach dhomh,” arsa Domhull. “Ciod e ’dheanainn nan teannadh iad ri m’ cheasnachadh? Tha fhios agad fhein glé mhath gur iomadh fear a’s deise gu freagairt cheart a thoirt seachad ann an ionad nam bonn na mise. Nam faighinn beagan uine gu smaoineachadh air ciod e bu chòir dhomh a radh, tha fhios agam gu ’n tugainn freagairt chothromach gu leòr seachad. Ach, mar a tha làn fhios agad fhein, tha am maor ’s a bhean ’s a theaghlach glé ghleusda, agus cho farraideach ri daoine a chunnaic mise riamh. Tha mi ’creidsinn gu’n aithnicheadh air a’ cheud shealladh a chitheadh iad dhe m’ ghnùis, gu ’m bheil mo chridhe ’s m’ inntinn air tionndadh ’nan aghaidh. Agus rud eile dheth, cha rachainn mionaid an urras nach ruigeadh a h-uile facal a thuirt sinn aig bruaich na h-aimhne an cluasan mu’n teid a ghrian fodha am maireach. Chual’ an garrach bruidhneach, fothallach ud aig Lachlainn, a h-uile guth a bha eadrainn; agus cha’n e mhain gu’n innis e a h-uile guth a chual’ e, ach cuiridh e dheich uiread ris. Mar a tha fhios agad fhein, cha tarr e ach gann suidhe ri taobh an teine an uair a dh’ innseas e dh’ a mhàthair agus do Cheiteig a h-uile guth a chual’ e, agus mòran a bharrachd. Is fhearr dhuinn leigeadh le cùisean laidhe mar a tha iad gus an till thu fhein dhachaidh.” “Tha mi cinnteach gu ’m bheil sin a cheart cho math. Ach biodh do chluas ri claisneachd gus an till mi. Air na chunnaic tu riamh na aithnicheadh duine beò ort gu’m faca no gu’n cuala sinn dad sam bith cearr an nochd. Oidhche mhath dhut.” An uair a ràinig Aonghas is Domhull dhachaidh, bha h-uile duine air a dhol a laidhe. Ach cha robh sin ’na ghnothach annasach leis na teaghlaichean do’m buineadh iad. Bha e air aithris gu’m b’ ainneamh oidhche eadar meadhain an fhoghair agus meadhain an earraich fad bhliadhnachan roimhe sid nach robh e seachad air a’ mheadhain oidhche mu’n ruigeadh Aonghas is Domhull, agus àireamh de ghillean eile nam bailtean, dhachaiclh bhar chéilidh. Bhiodh an suipear anns a’ phoit ri taobh an teine ’gam feitheamh, agus i cheart cho fuar ri màthair a’ ghobha. Ach ged a bha ’n suipear an oidhche ud deas air an coinneamh mar a b’ àbhaist, cha do bhlais fear seach fear dhiubh oirre. Chuir na chunnaic ’s na chual iad, agus mar an ceudna na labhair iad ri chéile ri thaobh na h-aimhne, a leithid de dhragh air na h-inntinnean aca ’s nach robh sannt sam bith aca air biadh. An uair a thug Domhull greis air garadh a chas, chaidh e laidhe. Ach ma chaidh, cha b’ann gu cadal. Cha do dhùin a shuil fad na h-oidhche. Gus an oidhch’ ud cha do thuig e gu’n robh uiread de thlachd aige do Pheigidh a’ mhaoir. Agus ged a bha e toilichte gu’n d’fhuair e ’mach an seorsa dhaoine a bh’ anns a’ mhaor agus ’na theaghlach mu’n deachaidh e ’nan luib gidheadh, bha dorran gu leor air a chionn gu’n robh iad cho eucorach agus cho easonarach ’s a bha iad. Shuidh Aonghas aig an teine, agus smoc e dà làn na pioba mu’n do leig e as a’ bheul i. Ged a chaidh e do’n leabaidh, cha do chaidil e norradh na ’s mò na Domhull fhein. An uair a shoilleirich an latha dh’ eirich e, agus o’n a bha aige ri dhol air astar math fada, rinn e deiseil gu falbh gu math tràth. Bha e cho math aodach is anart ri mac màthar a bh’ anns an duthaich. Agus an uair a rachadh e ’na éideadh gu falbh air chuairt o’n taigh, b’ ainneamh àite anns am faicteadh gille òg cho grinn ’s cho sgiobalta ’s cho speisealta ris. Cha robh e àrd no iosal, ach ann am meudachd mheadhonaich. Bha e direach, deas, dealbhach air a bhonnan. Rud nach b’ ioghnadh, bha meas mor aig a mhàthair ’s aig ’athair air. An uair a chuireadh e aodach glan uime, agus a bhiodh e ’falbh o’n taigh, sheasadh a mhàthair ’ga amharc anns an dorus gus an rachadh o as a sealladh. Anns a’ mhaduinn ud fhein, o’n a bha aige ri dhol gu réiteach gu ruige ceann eile na duthchadh, chuir e e-fhein ann an ordugh cho glan ’s cho sgiobalta ’s a rinn e riamh. Agus an uair a thug e ’chùl ris an taigh, sheas a mhàthair anns an dorus, agus cha do thog i a sùil dheth gus an deachaidh e as a sealladh air cùl a’ chnoic mhoir. An uair a bha Aonghas a mach braighe ’bhaile, ciod a b’ iongantaighe leis na Seonaid nighean a’ mhaoir fhaicinn a’ tighinn ’na choinneamh, agus i an deis a bhith air cheann turuis anns a’ Bhail’ iochdrach. Bha i cho aoidheil ’s cho geanail ris ’s a b’ abhaist dhi ’bhith. “Cha chreid mi nach ’eil thu falbh air astar,” ars’ ise. “Is ann romhad a tha do ghnothach, tha e coltach; oir tha deadh cheum cabhagach agad. Dh’ aithnich mi do cheum ’s do chumadh an uair a nochd thu ’nam fhianuis aig ceann an locha.” “Tha mi ’falbh direach air a cheum gu ruige Cul-fraoin, agus tha iomadach ceum agam ri dheanamh mu’n ruig mi e.” “Nach suarach ort e, ged a bhiodh an t-astar mòran na b’ fhaide na tha e? Ma dh’ fhaodas mi a’ cheisd a chur ort, ciod e ’tha ’gad thoirt air an astar sin an diugh? Am bheil réiteach no banais fo ’s laimh daibh an taobh sin?” arsa Seonaid. “Tha’n dà chuid gus a bhith ann an ùine gun bhith fada, ma’s fhior na chuala mise; agus tha dòchas agam gu’m faigh mi mo chuid dhiubh le cheile mu’n till mi dhachaidh.” “Chuala mi gu ’m bheil na h-uiread de nigheanan òga, briagha air an taobh sinn thall dhe’n dùthaich. Nach tu a bhios air do dhoigh ’nam measg, ma bhios feadhainn diubh air an réiteach ’s air a’ bhanais?” “Cha mhòr ’s fhiaoh réiteach, no banais, no cuideachd chridheil sam bith eile, mur bi beagan de nigheanan òga anns a’ chuideachd. Cha rachainn fad mo choise gu réiteach, no gu banais nan saoilinn nach biodh nigheanan òga anns a’ chuideachd. Is iomadh réiteach is banais aig an robh mi, agus cha’n ’eil eagal orm a ràdh, nach deachaidh mi riamh fhathast a dh’ ionnsuidh a h-aon dhiubh air son na dh’ ithinn ’s na dh’ òlainn. Tha trùillich thruagha ann an iomadh àite a rachadh astar mòr air son làn am broinne de dheadh bhiadh.” Cha do chòrd an coltas a bha air gnùis Aonghais ri Seonaid idir; ach cha do leig i dad oirre. Thuirt i ’s a’ mhionaid, “Cha b’ fhiach leat innseadh dhomhsa an uair a chunnaic tu an [TD 250] [Taobh-duilleig 251 san leabhar fhèin] [Vol. 9. No. 33. p. 2] raoir mi, gu’n robh dùil agad falbh gu réiteach an diugh. An àite sin, is ann a thuirt thu rium gu’n rachadh thu fhein is Domhull Beag a’ nochd air chéilidh oirnn. Is mairg a bheir geill do na their do sheorsa.” “Cha d’ thug thu fhein, a Sheonaid, cothrom dhomhsa air a bheag a ràdh riut. Nan d’ thug, is docha gu’n d’ innis mi dhut gu’n robh dùil agam falbh o’n bhaile. Ach bha thusa car coma ged nach biodh a h-aon dhinn mu’n taigh o’n a bha dùil agad ri Coinneach Bàn. Cha chuireadh fear seach fear dhinn dragh sam bith air Coinneach ged a thachradh e ruinn.” An uair a chuala Sheonaid so dh’ fhàs a h-aodann glé dhearg, agus thuirt i, “Is math a tha fhios agad, ’Aonghais, nach ’eil mi ’toirt misnich sam bith do Choinneach. Ach air a shon sin cha fhreagair e dhomhsa, no do thé sam bith eile dhe mo sheòrsa, a bhith greannach, gruamach, fuar, coimheach ri gille og, modhail sam bith a thig rathad an taighe. Ach tha thusa agus do sheorsa cho làn dhe’n eud, agus cho doirbh ri bhur toileachadh ’s nach ’eil rathad aig mo leithid-sa air bhur toileachadh.” An uair a thuirt i so, dh’ aithnich Aonghas air a gnùis agus air a guth gu’n robh beagan saonais oirre. “Tha e ceart gu leòr dhut, a Sheonaid, a bhith caoimhneil, aoidheil, fosgarra ris gach duine a thachras riut, biodh e òg no sean. Ach thoir an aire nach bi an aon mheas agad air a h-uile fear. Ma tha toil agad a bhith ’na do sheana mhaighdinn, gu grànna, greannach, mar gu’m biodh seana chearc guir, cha ’n ’eil doigh air an t-saoghail a’s fhearr dhut a ghabhail na bhith cumail laimhe ris a h-uile fear a thig an rathad. Ma ni thu so, cha’n ’eil ni a’s cinntiche na gu’n cuir a h-uile fear dhiubh cùl riut air a cheann mu dheireadh,” ars’ Aonghas. Cha do chòrd na briathran so ri Seonaid idir. Thuig i gu math nach robh inntinn Aonghais aig fois; ach cha b’ urrainn i thuigsinn ciod e bha cur dragh air. Cha robh an t-amhrus bu lugha aice gu’n robh e aig an uinneig aca an oidhche roimhe sid. Thuirt i ris, “Nach tu a tha streamach an diugh, ’Aonghais? Tha mi ’n dòchas gu’m bi saod na’s fhearr ort an uair a thilleas tu. Ach na bi fada gun tighinn a thoirt dhuinn do naigheachd.” Cha robh an corr eatorra. Ghabh Seonaid roimpe dhachaidh, agus ghabh Aonghas air aghart air a thurus le deadh cheum. (Ri leantuinn.) Litir as na h-Eileanan Coille. FHIR-DEASACHAIDH:—Bliadhna mhath ùr dhut fhein agus do d’ luchd-leughaidh lionmhor agus do d’ chairdean lionmhor anns gach àite dhe ’n t-saoghal anns am bheil iad, agus c’aite nach ’eil iad? Cha ruig mi leas a bhi feuchainn ri leithsgeul sam bith a ghabhail nach ’eil mi a sgriobhadh ugad ni ’s trice, oir is iomadh rùn maith a bhios daoine cur rompa thoirt gu buil cheart, agus le bhi cuir dearmad ann a thuiteas mu dheireadh ann an tir na di-chuimhne. Agus air eagal gu ’n eirich sin dhomhsa, tha mi nise dol a thobhairt oidhirp air beagan fhacal a chur a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, feuch an dùisg mi suas cuid dheth na seann sgriobhadairean do ’m b’ àbhaist a bhi cur litrichean ann anns an tim a chaidh seachad. Ged a tha iomadh sgeula fior thaitneach ann bho sheachdain gu seachdain, saoilidh mi fhein nach ’eil rud sam bith is fhearr a thig ri cail a Ghaidheil na bhi cluinntinn bho ’chàirdean. Tha mi gu mor, mor ag ionndrainn nach ’eil mi a cluinntinn guth idir bho m’ fhior chairdean Murchadh Cam, Bodachan a’ Ghàraidh, agus moran eile nach ruig mi a leas ainmeachadh, a chionn faodaidh iad fein a thuigsinn gu ’m bheil an t-àm aca bhi bogadh nan gad. Tha mi gle thoilichte fhaicinn anns an da àireamh mu dheireadh na bha de dh’ ainmean ann a phaigh, agus tha mi ’n dochas gun lean iad mar sin gach darnacha seachdain dhe ’n bhliadhna nach ’eil fathast ach a toiseachadh. Cha ’n ’eil a bheag de naigheachdan ùr agam mur an dean mi iad, agus cha robh mi math air naigheachdan a dheanamh riamh, agus is docha gu bheil mi nise tuilleadh is anmoch gu toiseachadh air an deanamh. Tha mi creidsinn gur e bàs ar deagh Bhan-righ ghràdhach naigheachd is motha tha air an t-saoghal aig a cheart àm; agus bho ’n a tha fios a nise aig ’ur luchd-leughaidh air fad air, cha ruig mise leas a bhi ’ga innseadh dhaibh. Bu dona a thigeadh dhomhsa teannadh ri a moladh na teannadh ri aithris a h-uile beus agus buaidh mhath a bha ’n ceangal rithe, a chionn tha fios gun dean luchd na Beurla sin. B’ fhearr leam fhin gu mor na chunnaic mi anns a MHAC-TALLA ma sgeul a bàis, na na chunnaic mi anns na paipearan Beurla air fad, a h-uile spagadagliog agus bòilich ga ’m bi orra. Tha mi-fhin a nise fodh ’n treas riaghladh air crun Bhreatunn—Uilleam IV., Victoria mhaith, agus Iomhar VII. Chunnaic mi esan bho chionn da fhichead bliadhna. Agus biodhamaid uile guidhe gun lean e ceumannan a dheagh mhàthar. Tha deagh gheamhradh againn; ged a bha cuid do laithean fuar gu leor ann bho ’n a thainig a bhliadhn’ ùr a stigh, cha ’n iarradh duine sìd’ a b’ fhearr. Tha sneachda gu leor ann ’s tha biadh spreidh coltach ri bhi gann gu leor, ach tha lòn is aodach an t-sluaigh pailt agus saor gu leor. Thainig sgaoth de na ròin seachad aon la air an t-seachdain so. Thug fear Calum Mac Ille-mhaoil, Calum Aonghais mar a their iad ris, agus a mhac coig air fhichead air tir, agus feadhainn eile a fhuair grunnan laghach cuideachd. Tha ’n t-àm agam a nise a bhi sgur, mu ’m fas sibh sgith dhiom. Feuch nach dean sibh deuchainn air mo bheannachd a thoirt do Bhodachan a’ Ghàraidh, mar an tug e Africa air. Ur caraid dileas, an latha chi ’s nach fhaic, SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOIL. Na h-Eileanan Coille, E. P. I., Feb. 1. Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. IV. THUG Fetnah an aire gu ’n robh Ganem fo dhoilghios gle mhor, agus chuir a shuidheachadh dragh oirre. Ach an uair a smaoinich i gu ’m faodadh i dragh inntinn a thoirt oirre fhein, na ’n leanadh i na b’ fhaide air bruidhinn mu ’n chuis, agus gu ’m faodadh i air thuiteamas a leigeadh ris dha gu ’n robh tlachd aice dha thuirt i: “Tha mi ’tuigsinn gu ’m bheil an comhradh so a’ cur dragh mor air an inntinn agad. Sguireamaid dheth, agus labhramaid mu ’n chomain mhoir a chuir thu orm. Cha ’n urrainn mi gu brath a leigeadh ris cho toilichte ’s a tha mi, an uair a smaoinicheas mi nach fhaicinn sealladh dhe ’n ghrein am feasda, mur b’ e an cuideachadh a thug thusa dhomh.” Gu fortanach dhaibh le cheile chual’ iad cuideiginn a’ bualadh aig an dorus. Chaidh Ganem a shealltainn co ’bh’ ann, agus bha fear dhe na seirbhisich aig an dorus ag innseadh gu ’n ro a’ chuirm deas. Cha robh toil aig Ganem gu ’n tigeadh a h-aon de na seirbhisich do ’n t-seomar anns an robh Fetnah, agus air an aobhar sin thug e fhein a steach do ’n t-seomar am biadh a thug na seirbhisich g’ a ionnsuidh, agus bha e ’deanamh gach frithealaidh a bha feumail do’n mhnaoi uasail, oig, mhaisich. Bha ise air a lionadh le tlachd do ’n duine uasal a bha ’frithealadh dhi aig a’ bhord. An uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh, thug Ganem gach ni air falbh bhar a’ bhuird, agus thug e iad do na seirbhisich a bh’ aig dorus an t-seomair. Air deigh sin thuirt e, “A bhaintighearna, is docha gu ’m bi feum agad a nis air greis de dh’ fhois a ghabhail. Fagaidh mi ann an so thu leat fhein, agus an uair a leigeas tu dhiot do sgios, bidh mise deas gus rud sam bith a dh’ iarras tu orm a dheanamh.” An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e a cheannach da shearbhanta gus a bhith ’frithealadh dhi. Cheannaich e mar an ceudna da phasgan, fear dhiubh de lionaodach grinn, agus fear eile de nithean a shaoileadh e a bhiodh feumail dhi an am dhi ’bhith ’dol ’na h-eideadh. An uair a thug e dhachaidh na searbhantan, thug e an lathair Fetnah iad, agus thuirt e, “A bhaintighearna, feumaidh bean uasal mar a tha thusa dithis de mhnathan coimhideachd a bhith aice air a’ chuid a’s lugha; mas e do thoil e, gabh uamsa an dithis so.” Bha Fetnah ro thoilichte leis an doigh anns an robh Ganem a’ nochdadh aire agus caoimhneis dhi, agus thuirt i, “Mo thighearna, tha mi ’faicinn gur duine thu nach fag cearb air rud sam bith a thoisicheas tu ri dheanamh. Tha thu leis a’ chaoimhneas so a’ cur an tuilleadh ris a’ chomain a chuir thu orm a cheana. Ach tha mi ’n dochas nach leig mi air dichuimhn do chaoimhneas gu brath, agus gu ’n cuir am Freasdal doigh ’nam rathad an uine ghoirid leis an ioc mi dhut gu dligheach lan dhuais air son do chaoimhneis.” An uair a chaidh na mnathan coimhideachd do ’n t-seomar a bha faisge dhaibh, shuidh Ganem air an langsaid air an robh Fetnah ’na suidhe; ach mar chomharradh air an urram a bha e toirt dhi, cha do shuidh e dluth dhi idir. Thoisich e rithist ri bruidhinn rithe mu dheidhinn a’ ghaoil a bh’ aig oirre, agus labhair e briathran ro dhruighteach mu thimchioll nan nithean do-chiosnaichte a bha eadar e fhein agus ise. “Cha dana leam,” ars’ esan, “dochas sam bith arach gu ’n dean an gaol a th’ agam ort do chridhe a ghluasad, o’n a tha thu ann an gaol air an righ a’s mo a th’ air an t-saoghal. Ochan! bhiodh e ’na thoileachadh dhomhsa ’na mo shuidheachadh cruaidh fhortanach na ’n saoilinn gu ’m bheil an gaol a th’ agam ort a’ deanamh a’ bheag no mhor de dhrughadh ort.” “Mo thighearna,” arsa Fetnah— “Ochan! a bhaintighearna,” arsa Ganem, agus e ’cur stad oirre, “is e so an dara uair a ghairm thu tighearna dhiom. O ’n a bha na mnathan coimhideachd anns an t-seomar, cha bu toigh leam facal a radh riut m’ a dheidhinn. Ann an ainm Dhe, a bhaintighearna, na toir dhomh an t-ainm urramach nach buin dhomh. Biodh meas agad orm mar do sheirbhiseach. Is mi do sheirbhiseach, agus bidh mi ’nam sheirbhiseach dhut fhad ’s is beo mi.” “Cha bhi, cha bhi,” arsa Fetnah agus i ’cur stad [TD 251] [Taobh-duilleig 250 san leabhar fhèin] [Vol. 9. No. 33. p. 3] air. “Bheir mi an aire gu ’n toir mi urram dhut air son gu ’n do shabhail thu mo bheatha dhomh. Bhithinn gle neo-thaingeil na’n labhrainn, no na’n deanainn ni sam bith cearr mu do dheidhinn. Leig leam, air an aobhar sin, mo thaingealachd a leigeadh ris dhut, agus ha bi ag iarraidh orm a bhith coimheach riut an deigh gach caoimhneas a nochd thu dhomh. Cha dean mi gniomh cho dona sin gu brath. Tha meas mor agam air a’ chaoimhneas a nochd thu dhomh, agus cha cheil mi nach ’eil meas mor agam ort. Tha fhios agad an aobhar a tha ’toirt orm fuireach gun an corr a radh.” Thug na briathran a labhair i toileachadh mor do Ghanem. Shil e na deoir le aoibhneas; agus o nach robh e comasach air briathran freagarrach fhaotainn leis an leigeadh e ris a thaingealachd dhi, thuirt e rithe gu ’n robh fhios aice fhein ciod a bha mar fhiachaibh oirre a dheanamh do’n righ, agus air a shon fhein dheth, gu ’n robh fhios aige nach robh gnothach sam bith aig an t-seirbhiseach ris an ni a bhuineadh do ’n mhaighstir. An uair a thainig duathar na h-oidhche, fhuair e solus. Thug e steach biadh mar an ceudna. Tha e ’na chleachdadh ann am Bagdad an dinnear a ghabhail mu mheadhain latha, agus gun dad tuilleadh itheadh ach beagan mheasan, agus glaine no dha fhiona ol roimh am chadail, agus am feasgar a chur seachad le comhradh taitneach. Shuidh iad le cheile aig a’ bhord, agus mhol iad na measan a bha iad ag itheadh. Bha am fion cho math ’s gu ’n do ghabh iad le cheile a dha no tri de ghlaineachan dheth. An sin shuidhich iad gu ’n gabhadh iad oran an t-aon. Ghabh Ganem an toiseach oran a rinn e fhein anns an do leig e ris meud a’ ghaoil a bh’ aige oirre. An deigh sin ghabh Fetnah oran a rinn i fhein anns an do leig i ris cuid mhor dhe na trioblaidean troimh ’n deachaidh i, agus cha d’ rinn i dearmad air briathran a chur ann leis an aithnicheadh Ganem gu ’n robh meas mor aice air. Ach am mach uaithe sin bha i anns gach doigh dileas do ’n righ. Bha iad uine mhath ’nan suidhe aig a’ bhord, agus bha greis mhor dhe ’n oidhche air a dhol seachad mu ’n d’ thug iad iomradh air gabhail mu thamh. Chaidh Ganem d’a sheomar fhein, agus dh’ fhag e Fetnah agus na mnathan-coimhideachd comhladh anns an t-seomar. Bha iad a’ cur seachad na h-uine mar so fad aireamh laithean. Cha deachaidh Ganem ceum o’n taigh fad na h-uine na’s lugha na bha gnothach ro chudthromach aige ri dheanamh, agus eadhoin gnothaich dhe ’n t-seorsa aige ri dheanamh, b’ ainneamh leis falbh am mach as an taigh ach an uair a bhiodh ise a’ gabhail fois. Cha b’ urrainn da e-fhein a chumail o bhith ’na cuideachd a h-uile cothrom a gheibheadh e. B’ ann air Fetnah a bhiodh e ’smaointean aig gach am agus anns gach aite. Bha ise mar an ceudna air aon doigh no doigh eile a’ leigeadh ris dhasan gu ’n robh tlachd gu leor aice dheth. Ach air a shon sin, bha iad le cheile ’gan gluasad fhein cho beusach agus cho measail anns gach doigh ’s a b’ urrainn dithis a bhith. Am feadh ’s a bha Fetnah mar so a’ cur seachad na h-uine le taitneas ann an cuideachd Ghanem bha Sobaide fo eagal ’s fo iomacheist anns an luchairt. Cha bu luaithe a thug an triuir sheirbhiseach leotha a’ chiste anns an robh Fetnah, agus gun fhios aca gu ’n robh i innte, na bhuail an t-eagal Sobaide. Bha i fo bhuaireas inntinn a bha anabarrach mor. Bha mile smaointean ag eirigh suas ’na h-inntinn a latha ’s a dh’ oidhche. Cha ’n fhaigheadh i norradh cadail. Bhiodh i gun fhois gun tamh a’ smaointean air ciod an doigh anns am b’ fhearr a rachadh aice air falach a chur air an olc mhor a rinn i. “Tha barrachd gaoil aig mo cheile air Fetnah na bha aige air te sam bith eile dhe na banoglaich,” ars’ ise. “Ciod a their mi ris an uair a thilleas e, agus a dh’ fheoraicheas e m’ a deidhinn?” Ged a bha i ’smaoineachadh air iomadh innleachd a ghnathachadh, cha robh aon seach aon dhiubh a’ cordadh rithe. Cha robh fhios aice mu dheireadh ciod air an t-saoghal a dheanadh i. Bha a’ bhanaltrum a bh’ aice ’na leanabh riamh comhladh rithe. Bha i anns an am air fas gle shean. Air madainn araidh ann an soilleireachadh an latha chuir Sobaide fios oirre, agus an uair a thainig i thuirt Sobaide rithe: “Mo dheadh mhathair, bu ghnath leat cuideachadh is comhairle mhath a thoirt dhomh an am an fheuma. Cha robh mi riamh fhathast cho feumach air comhairle ’s a tha mi nis. Tha agad ri fois a thoirt do ’m inntinn agus mi gus a dhol as mo chiall leis an eagal, agus ri innseadh dhomh ciod an doigh leis an cum mi an righ o bhith ann an corruich rium.” “Mo bhanamhaistir ghradhach,” ars’ an t-seana bhean, “b’ fhearr dhut gu mor gun thu fhein a chur anns a’ chunnart anns am bheil thu. Ach o ’n a tha ’n cron deante, tha e cho math gun fhacal tuilleadh a radh m’ a dheidhinn. Cha ’n eil againn a nis ach feuchainn ri doigh air choireiginn fhaotainn leis an toir sinn an car as an righ. Is e mo bharail nach ’eil doigh ann a’s fhearr na iomhaidh na te a tha marbh a ghrad fhaotainn deante. Cuiridh sinn lionaodach grinn air an iomhaidh, agus an uair a chuirear ann an ciste i, tiodhlaicear i ann an aiteiginn ’s an luchairt. ’Na dheigh sin bheir thu ordugh carn-cuimhne a thogail os cionn na h-uaghach air am bi mullach cruinn. A barrachd air so feumar iomhaidh a dheanamh a bhios comhdaichte le aodach dubh, agus coinnlearan arda anns am bi coinnlean ceireach a chur mor-thimchioll air an iomhaidh so. Tha rud eile ann nach fheumar a dhi-chuimhneachadh, agus is e sin, gu ’m feum uile uaislean na cuirte agus gach aon dhe na seirbhisich eideadh broin a chur umpa. An uair a thilleas an righ agus a chi e gach aon ’s an luchairt ann an eideadh broin, feoraichidh e anns a’ mhionaid ciod is aobhar dha. An sin gheibh thu cothrom air thu fhein a chur a staigh an uair a their thu ris gur ann mar urram dha fhein a rinn thu gach ni mar chuimhne air Fetnah, a dh’ eug le bas aithghearr. Faodaidh tu innseadh dha gu ’n d’ thug thu ordugh aite adhlacaidh a thogail air an uaigh aice. A dh’ aon fhacal, faodaidh tu radh ris gu ’n d’ fheuch thu ri gach urram a thoirt dhi a shaoileadh tu a bheireadh e fhein dhi na ’n robh e an lathair aig am a bais. O’n a tha tlachd ro mhor aige dhi cha ’n ’eil teagamh nach teid e a shileadh nan deur air an uaigh aice. Ma dh’ fhaoidteadh nach creid e idir gu ’m bheil i marbh. Tha e cheart cho docha gu ’n gabh e amhrus gu ’n do chuir thu air falbh as an luchairt i a chionn gu ’n robh eud agad rithe, agus gu ’n smaoinich e nach ’eil anns an luchairt ach innleachd a ghnathaich thu gus a mhealladh, agus a chumail o fhorofhais a dheanmh air a son. Faodaidh gu ’n ordaich e a’ chiste a thoirt as an uaigh, agus a fosgladh. Agus cinnteach gu leor creididh e gu ’m bheil i marbh an uair a chi e an iomhaidh. Bidh e gle thoilichte leis gach ni a rinn thu, agus leigeidh e ris a thaingealachd dhut. Bheir mi fhin fa near an iomhaidh fhiodha ’dheanamh le fear anns a’ bhaile aig nach bi fios sam bith mu dheidhinn a’ ghnothaich. Bidh agadsa ri ordugh teann a thoirt do ’n te thug an deoch chadail do Fhetnah gu ’n abair i ris na mnathan-coimhideachd eile, gu ’n d’ fhuair i marbh i anns an leabaidh. Agus air eagal gu ’n teid iad do ’n t-seomar a thuireadh os a chionn, abradh i gu ’n d’ innseadh dhutsa mar tha mar a thachair, agus gu ’n d’ thug thu ordugh do Mhesrour a tiodhlacadh.” (Ri leantuinn). Gloir a’ Chruin. (Oban Times). THA a’ ghlòir so ag éirigh o ’n spiorad glan, ionrais a tha a’ buadhachadh os ceann gluasaid a chinne-daonna. Far nach fhaighear spiorad a’ cheartais, na co-thruais, agus a’ bhraithreachais cha bhi aon chuid glòir do Dhia no do ’n duine, agus cha ’n fhaicear crùn air oidhirp beatha a’ chreutair. A thaobh na Banrigh a dh’ fhalbh, a bha làn do ghràdh is do òirdhearcas, tha e ’na smuain ro thlachdmhor do na h-uile dhaoine aig an robh ise ’na glòir ’na pearsa féin, agus gu ’n do shruth glòir, gràdh, is caomhalachd o a gniomharan, agus o a bilean caoimhneil air gach taobh do làmh na beatha. Anns an t-seadh so gu coitcheann bha a’ Bhanrigh ’na glòir agus ’na crùn do ’n t-sluagh os ceann an do chleachd i ùghdarras is riaghladh. Ach ann an seadh is àirde bha Victoria ’na Bean bhuadhach am measg mnathan mora a’ chinne-daonna. Bha a h-eòlas, a co-fhaireachdainn, agus a diadhachd fada os ceann gach Bean air an do chualas sgeul riamh ann an eachdraidh an t-saoghail. Bha brìgh a’ chreidimh Chrìosduidh ’na cridhe, agus o’n fhreumh smioral, bheathail, ghlòirmhor ud, bhrùchd a mach na suibhailcean grinn ud a bha ’nan neart, ’nan co-fhurtachd, agus ’nan analachadh naomh do ioma fear bochd, dìblidh, agus do ioma bean aonarach, brònach, a bha ann an còmhstri ris na h-uile tiamhaidh agus lionmhor a tha a’ deanamh ar beatha ’na aobhar truais. Mar so sgeadaich a beatha-se an crùn le glòir; agus bidh e ’na urnuigh leis an dùthaich gu léir gu ’m bi esan a tha a nis a’ sealbhachadh a’ Chrùin air a sgeadachadh mar a’ bha a mhàthair le gliocas, maitheas, agus diadhachd. Mar chomharradh air cho measail ’s a bha Banrigh Victoria aig muinntir baile Chleveland, ann an Ohio, chruinnich moran sluagh de iomadh creidimh agus dùthaich gu talla mor a bhaile sin air a cheud Shàbaid dhe ’n mhios so, agus chum sia pearsachan-eaglais de dh’ atharrachadh creidimh aoradh mar chuimhne air a Bhan-righ ghradhach nach maireann. ’Nuair a bha an t-seirbheis seachad thug gach aon diubh so greis air a moladh ann an cainnt fhileanta, a leigeil fhaicinn cho measail ’sa bha iad, cha’n e mhain oirre-se, ach air a mac a tha nise riaghladh na h-aite—Righ Iomhar VII. Tha an ni so a leigeil fhaicinn am meas a tha aig moran do mhuinntir na Stàitean air Ban-righ Victoria agus air Breatunn gu h-iomlan, agus ’se nithean dhe’n t-seorsa so a bheir an da dhùthaich na’s dluithe da cheile na bha iad riamh roimhe. Agus ged a tha iomadh neach amaideach anns na Staitean a feuchainn ri sluagh na dùthcha sin a bhrosnachadh an aghaidh Bhreatuinn, ni, ’tha dochas laidir againn nach dean iad an da latha so tuilleadh, ged nach cuir iomaguin mhor sam bith air an roinn a’s motha de mhuinntir na duthcha so, tha an earran as motha de shluagh na Staidean air leigeil fhaicinn mar tha, ann an aon doigh no doigh eile, (anns na h-eaglaisean agus anns na paipearan-naigheachd) gu bheil dùthaich an sinnsirean fhathast air chuimhne nan cridheachan; agus bidh fhad ’s a bhios fuil ghlan agus uasal nam Breatunnach a’ ruith nan cuislean. [TD 252] [Vol. 9. No. 33. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 15, 1901. A REIR na h-Oraid on Chathair, cha bhi moran do ghnothuichean sonruichte sam bith air an toirt fa chomhair na h-àrd-phàrlamaid air an turus so. Ann a bhi dealbh freagairt do’n òraid an tigh nan cumantach cha do chosgadh ach da uair de thìm, an ùine bu giorra thugadh riamh ris an obair sin ann an Ottawa. Cha ’n eil an Riaghladh ag iarraidh uiread airgeid am bliadhna ’sa bha iad an uiridh. An uiridh bha mu $57,000,000 air a chosg, ach am bliadhna cha bhi air a chosg ach mu $51,000,000. ANN an staid Kansas tha an lagh a bacadh creic deoch làidir, ach mar a thachair ann an dùthchannan eile, cha ’n eil an lagh sin air a choimhead ach gu h-olc, gu h-àraidh anns na bailtean mora. Tha daoine air an cur an dreuchd air son an lagh obrachadh, ach ged a tha iad uile tarruinn an tuarasdail, cha ’n eil ach àireamh gle bheag dhiubh a deanamh na h-obrach air son am bheil iad a’ gabhail pàighidh. Tha a nise bean d’ an ainm Mrs Carrie Nation agus àireamh de mhnathan eile air eiridh an aghaidh luchd cumail nan taighean òil, a cur rompa stad a chur air bristeadh nàrach an lagha. Tha iad a’ falbh o bhaile gu baile, a’ dol a stigh do na taighean-òil ’s a’ bristeadh ’sa spealgadh gach ni a ghabhas bristeadh no spealgadh le maide no le tuaigh. Chaidh Mrs Nation a ghlacadh ’s a chur do ’n phriosan uair is uair, ach tha lagh na staide cho lag air taobh luchd nan taighean-òil ’s nach eil iad a’ toirt ionnsuidh sam bith oirre leis an lagh, agus tha i faotainn m’a sgaoil. Tha i a’ cur roimpe gu ’n lean i air an obair so gus am bi na taighean-òil air an dùnadh no gus am bi i-fein air a marbhadh. Tha a h-obair a cheana giùlan toraidh ann a bhi dùsgadh suas càirdean na stuaime agus an lagha a bha o chionn iomadh bliadhna ’nan cadal. Ann a’ Holton, dh’ eirich mile de na fir air an t-seachdain s’a chaidh, ghabh iad an lagh ’nan lamhan féin, agus dhùin iad a h-uile taigh-òil sa’ bhaile. Agus ann an Topeka bha coinneamh air a cumail Di-dònaich aig an robh mu thri mile fear, agus thug iad gu meadhon-latha Di-haoine do na h-òsdairean air son an taighean a dhùnadh. Tha Carrie Nation an diugh na mnaoi mhoir ann an Kansas; tha an sluagh ’ga fàilteachadh ’s ’ga di-beathachadh anns gach àit an teid i. Is e dòigh annasach a ghabh i air cur as do na taighean-òil, ach cha ’n eil fhios nach b’e sin fhéin an aon dòigh air an gabhadh e deanamh. THA càirdeas mor ’ga nochdadh aig an àm so eadar Breatunn us Portugal. Bha Righ Phortugal aig tòrradh na ban-righ nach maireann, agus an uair a bha e fàgail Lunnuinn a’ dol dhachaidh dha ’dhuthaich fhéin, ghabh an teaghlach rioghail beannachd gle chàirdeil aige. Aig an àm cheudna thainig fios á Africa mu Dheas ag innse gu robh Riaghladh Phortugal a’ cuideachadh nam Breatunnach le bhi bacadh do na Boerich airm a cheannach no a chur air tir anns na puirt a bhuineas do’n dùthaich sin. Tha a h-uile coltas air gu bheil an da dhùthaich a’ tuigsinn a cheile gu math. ANN am pàrlamaid na Frainge an la roimhe, dh’iarr an seanalair Mercier air an riaghladh da cheud gu leth mile franc (mu $45,000) a chur air leth air son bataichean agus soithichean a thogail gus an t-arm aiseag do Bhreatuinn uair sam bith a thòisicheadh cogadh eadar an da dhùthaich. Tha Mercier anabarrach toileach air ionnsuidh a thooirt air Breatunn a chìsneachadh, ach cha’n eil e ’faotainn moran misnich. ’S e ’m freagradh a thug Ministear na Mara, M. De Lanessan, air, nach robhas ag iarraidh comhairl’ idir air a thaobh dìon na dùthcha, gu robh an riaghladh comasach air sin a dheanamh as aonais. Theagamh nach cuala Mercier riamh an sean-fhacal Gàidhealach,—“Comhairle gun iarraidh cha robh riamh meas oirre.” Chruinnich a’ Phàrlamaid Bhreatunnach an dé. Bha i air a fosgladh le Righ Iomhar VII. gu pearsanta, agus gach greadhnachas m’a thimchioll a b’ àbhaist a bhi air a chleachdadh anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh nuair a bhiodh an urra rioghail a fosgladh nam pàrlamaidean gu pearsanta, an àite bhi cur an dleasdanais sin air luchd-ionaid. Cha robh pàrlamaid air a fosgladh le ban-righ Victoria fad choig bliadhn’ deug mu’n do chaochail i. Bha an righ air a ghiùlan gu tigh-na-pàrlamaid anns an t-seann charbad-staide nach robh air a thoirt a mach riamh on chaochail Prionns’ Ailbeart. Cha ’n eil an greadhnachas so mu fhosgladh na ceud pàrlamaid fo Iomhar a Seachd a nochdadh eas-urram sam bith do chuimhne Victoria. Cha ’n ann le còmhdach dubh no le bròn follaiseach a chumar ise air chuimhne; bidh i air chuimhne agus bidh meas oirre re iomadh bliadhna ann an cridheachan an t-sluaigh; fhad ’sa bhios spéis aig na linntean ri teachd do mhathas, do cheartas agus do shaorsa, cha di-chuimhnichear Victoria. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Tha an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 253] [Vol. 9. No. 33. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha teine ann am factoridh bhròg an Cuebec air an t-seachdain s’a chaidh, agus thatar o’ meas a challa aig $75,000. B’ fhiach an oighreachd a dh’ fhàg an Dotair Domhnullach, a chaochail anns a bhaile so toiseach a gheamhraidh, naodh deug air fhichead mile dolair. Thiomain e an treas cuid de sin d’a mhnaoi, agus an còrr do thriùir bhràithrean ’s a dhithis pheathraichean fhéin. Chaidh fear Mac-Gilleain, balbhan, a bhualadh leis a charbad-iaruinn an ceann shuas a’ bhaile madainn Di-ciaduin. Chaidh a dha chois a bhristeadh, agus aodann ’sa dhruim a ghoirteachadh. Tha e ann an suidheachadh cho iseal ’s nach eil mor dhùil aig na dotairean ri e dhol am feobhas. Tha an trein luath a bha ruith eadar Sidni us Halifacs o thoiseach an t-samhraidh s’a chaidh, air sgur a ruith. Tha e coltach nach eil uiread falbh air an rathad ’sa gleamhradh ’s nach dean aon trein ’san latha ’n gnothuch. Cha ’n eil teagamh nach bithear a’ ruith a rithist air an t-samhradh s’a tighinn. Agus ma chuirear beagan cabhaig air an trein a tha air a fàgail againn, a chum ’s gu ruig i a ceann-uidhe air an àm na h-uile oidhche, feuchaidh sinn ri fuireach o bhi talach. Bha na soithichean-smùide tha ’ruith eadar Eilean a Phrionnsa ’s tìr-mor air an cumail air ais air an t-seachdain s’a chaidh leis an deigh. Bha an Stanley an sàs aig beul acarsaid Phictou, agus bha am Minto air a dùnadh a stigh anns an acarsaid cheudna. Bha na carbadan iarruinn air an cumail air ais le stoirmeannan sneachda ann an New Brunswick ’s an Cuebec. Bha muinntir nan roinnean isle fad dha no tri lathaichean gun litir no paipear-naigheachd fhaotainn as na roinnean uachdrach. Tha comhairle na siorrachd cruinn air an t-seachdain so a’ cur air dòigh caochladh ghnothnichean a b’ fheudar dhaibh fhàgail gu’n deanamh ’nuair a bha iad cruinn toiseach na bliadhna. Maduinn Di-màirt chruinnich fir na comhairle ann an tigh na cùrtach agus thug iad am mionnan a bhi dileas do Righ Iomhar a Seachd. Bha iad air am mionnachadh leis a Bhreitheamh Dodd. ’S e an gnothuch is cudthromaiche tha air beulaobh na comhairle air an turus so creic an tigh chaothaich agus tigh na cùrtach, agus togail thaighean ùra. O chionn còrr us da mhios air ais bha roinn mhor de dh’ airgeid meallta a dol mu’n cuairt ann am baile Winnipeg,—buinn 10, 25, agus 50 sent. Chaidh seann duine d’ an ainm Seumas Armstrong a ghlacadh air amharus an la roimhe, agus fhuaireadh innealan aige air son deanamh nan bonn sin. Chuir Armstrong seachad àireamh bhliadhnaichean dhe bheatha anns an tigh-obrach, agus gun teagamh gheibh e nise cothrom air àireamh eile chur seachad anns an ionad cheudna. Tha e tri fichead bliadhna dh’ aois, cho sean ’s gu’m bu choltach dha bhi air dòigh ionnsachadh air airgead onorach a dheanamh. Ach ’se ’s dòcha nach do dh’ fheuch e ri sin ’na òige, agus a nise tha e sean, ’s an car a tha ’san t-seana mhaide ’s doirbh a thoirt as.” Thainig pàrlamaid Nobha Scotia cruinn an dé. Mar a thachair do ’n àrd-phàrlamaid fhéin cha ’n eil e coltach gu ’m bi i ’na suidhe ro-fhada, oir cha’n eil moran obrach ri bhi air a thoirt f’a comhair. Chaidh fear Uisdean Domhnullach a bhàthadh bhar bòrd an t-soithich Clifton a bha air a turus eadar New York us Halifacs, Di-donaich s’a chaidh. Bha e mhuinntir Cheap Breatun agus ghabh e air an t-soitheach mar sheòladair an uair dh’ fhalbh i á Louisbourg. Is i Ontario gun teagamh an t-aon a’s beairtiche de roinnean Chanada. An àite bhi dol an ainbhfhiach ’s ann a tha mu mhillean dolair aice ’san ionmhas. Air a bhliadhna ’n uiridh thainig ceithir millean us da cheud mile dolair a stigh ri riaghladh na roinne, agus cha deach a chosg ach mu cheithir millean. Bha an da cheud mile dolair a bha chòrr air a chur mu seach. Chaidh an taigh aig E. M. Archibald, ann an Sidni Tuath a losgadh gu làr maduinn Di-màirt s’a chaidh. Thòisich an teine ’nuair a bha muinntir an taighe ’nan cadal, agus bha e cho fad air adhart mu’n tugadh fanear dha ’s nach gabhadh an taigh sàbhaladh. B’ fhiach an tigh ’s na bha ’na bhroinn ochd mile dolair, agus cha robh de dh’ urrasachadh air ach tri mile. Tha iarrtus ri bhi air a chur á Sidni Tuath a dh’ ionnsuidh riaghladh Nobha Scotia air son bacadh a chur air na bàtaichean-aiseig a bhi ruith eadar Sidni us Sidni Tuath air an t-Sàbaid. Tha gach aon de na pearsachan-eaglais agus àireamh mhor de dhaoin’ inbheach a bhaile an deigh an ainmean a chur ris. Cha’n eil teagamh nach bi iarrtus dhe’n t-seòrsa cheudna air a chur air falbh á Sidni. Dior-daoin s’a chaidh bha Wilhelmina, ban-righ na h-Olaint, air a pòsadh ri Eauruic, Diùc Mecklenburg-Schwerin. Tha ban-righ Wilhelmina fichead bliadhna dh’aois, agus tha i riaghladh on bha i deich bliadhna. Tha i ’na mnaoi òig air am bheilear a deanamh moladh mor agus tha i anabarrach measail aig sluagh na rioghachd, d’an d’ thug a pòsadh ri Diuc Eanruic toileachd mor. Thatar ’ga coltachadh ann an iomadh dòigh ri ban-righ Victoria againn féin agus ’se dòchas a sluaigh féin, agus muinntir dhùthchannan eile gu’ m bi a beatha agus a-rioghachadh a cheart cho fada, agus gu’m bi ionndrain cho mor oirre aig àm a bàis ’sa tha air Victoria. Tha cìbear a fuireach aig cladach Loch Shiel, ann an Gaidhealtachd na h-Alba, a tha cumail am mach gu bheil e ceud agus fichead bliadhna dh’ aois. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais chaochail boirionnach do ’m b’ ainm Anna Nic Coinnich ann an Cillehoain an deigh ceud bliadhna agus a dhà dheug a ruigheachd. Chaochail Alasdair Mac-a-Phearsain o chionn ghoirid aig Loch Suaineart, aig aois ceud bliadhna agus a naodh. Chaith e a bheatha gu h-iomlan ri taobh na locha sin. Bha Domhull Camaran, seann duin’ eile a mhuinntir na sgire sin, corr ’us ceud bliadhna ’nuair a chaochail e. Agus tha boirionnach do ’n ainm Mairi Stiubhart a còmhnuidh faisg air an àite cheudna, a tha ceud bliadhna agus a seachd. ’S e croitearan a bh’ annta so uile. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN Airson Sanas bho KELLY & DODGE, Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Tha againn air an rathad a’ tighinn Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air $4.00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e. Is fhiach e a h-uile sent de $4.25 am Baraille F. & J. MORLEY, Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. [TD 254] [Vol. 9. No. 33. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXX. AIR dhaibh a bhi dol tro àllt a bh’ air an rathad gu’n drochait, thog Tearlach a chòta suas gu meadhon a shléisnean; air a’ cheart òm sin bha pàirtidh Leòdach a bha’n tòir air féin a dol seachad, agus dh’ àithnich fear ac’ am Prionns’, oir chunnaic se e roimhe, ach cha b’e thoirt suas d’a nàimhdean a rinn e, ach feuchainn ri chur ni bu mo ás aithne na bha e le glaodhaich an aird’ a ghutha:—“Ud! ud! a Mhòrag nigh ’n Fhearachair, leag do chòta; is tu a dh’ fhàs mi-bhanail o’n uiridh!” Dh’ fharraid am Prionnsa’ de dh’ fhear Chìse-Bòrgh ciod a bha ’m balach ag ràdh, ’nuair a chaidh sin innseadh dha theab e grad sgàineadh le gàireadaich; thuirt fear Chìse-Bòrgh an sin gum b’ fhearr dha comhairle ’bhalaich a’ ghabhail an àm a bhi gabhail thar an àllt. Air an aobhar sin, aig a’ cheud àllt a choinnich iad leag Tearlach le iomal a ghùin tuitean sìos ’san t-sruth. Thuirt fear Chìse-Bòrgh gu ’n robh an dòigh ma dheireadh cho olc ris a’ chiad dòigh chum dùsgadh amharais ’nan tarladh dha nàimhdean a bhi ga fhaicinn. Bha ’m feasgar a nis’ air ciaradh, agus ràinig an triùir,—am Prionnsa, Fear Chìse-Bòrgh, agus Fionnaghal Nic Dhòmhnuill, taigh Chìse-Bòrgh m’a aon uair diagh de ’n òidhche. Bha muinntir an taighe gu léir mu ’n àm sin air dol a laidhe, agus cho luath sa’ chuir fear Chìse-Bòrgh Tearlach a steach do sheòmar mòr nan aoidhean, chaidh e thogail bean an taighe,—dhiùlt i air tùr éiridh ag ràdh ris gu’m faodadh e féin na coigrich a chuideachadh leis gach nidh sa ’n taigh gu ’n ise bhi ’san làthair. Mas gann a labhair i na briathran sin, thainig a nighean a b’ òige, caileag ma sheachd bliadhna dh’aois ’na ruith gu taobh a leapa, agus labhair i mar sò:—“A mhàthair! a mhàthar! thug m’athair a bhean a’s mò agu a’s mi-chumair a chunna’ mi riabh, leis dachaigh, agus thug e steach do ’n t-seòmar mhòr i cuideachd.” Thug briathran a phàisd’ air a màthair a shaoilsinn gun tug a h.athair a h-aon de na fògaraich a bha gabhail dion air feagh an eilein fo thearmunn, gidheadh cha d’ fhuair i coire sam bith da còmpanach air son caidridh ’thoirt do ’n fhalbhanach bhochd, agus d’ fheòraich i dheth, an robh fios aig air dad idir ma dhéighinn a’ Phrionnsa thruaigh. Air cluinntinn sin do dh’ fhear Chìse-Bòrgh ghlac e làimh a mhna ’na làimh féin, agus labhair e rithe mar so:—“A ghràidh mo chridhe! ’Se so am Prionnsa féin fa d’ chomhair.” “Am Prionns’,” ars ise. “Mas e théid n-ar crochadh gu léir cho ard sa’ chuireas fiodh sinn” “Ma théid,” arsa fear Chìse-Bòrgh, “cha’n fhaigh sinn bàs ach aon uair, agus cha’n urrainn sinn fhaotainn air son aobhair a’s fearr, cha’n eil sinn a’ deanamh ach obair na tròcair mar bhuineadh do gach Chriosdaidh a dheanamh; thoir thugainn aran a’s ìm a’s càis uidhean a’s baine, no aon ni eile th’ aged réidh.” “Uibhean a’s baine,” arsa bean an taighe, “be sin an t-suipeir gu dearbha, g’a cuir fa-chomhair Prionnsa.” “A bhean mo ehridhe,” arsa fear Chise-Bòrgh, “Is beag a’s fios duibh m’a ghiullachd a’ Phrionnsa bhochd so o cheann tamuill, ’s ann a mheasas e ar suipeir na cùirm shòghair, osbarr nan deanamaid suipeir shònraichte bhreathnaicheadh na searbhantan gu ’n robh neach ionbhach éigin ’n-ar teach:” greasaibh oirbh leis a bhiadh, agus thigibh féin gu ar suipeir maille ruinn.” “Mise gu ’m shuipeir” ars ise, “cha’n fhios dhomhsa cia mar as còir dhomh mi-féin a giulan aig bòrd maille ri Prionnsa!” “Ach feumaidh sibh suidhe sios,” ars a companach. “Cha’n ith am Prionnsa mìr mar bi sibh s’an làthair, agus chi sibh nach do seuidh sibh sìos gu biadh riabh còladh ri duine cho ior-uasal agus cho suairc.” Chaidh an t-suipeir a chur sìos gu h-òrdail, agus shuidh iad gu bòrd, le bean Chìse-Bòrgh air làimh chlì a’ Phrionns’ agus Fionnaghal Nic Dhòmhnull air a dheis. Ghabh am Prionns’ a shuipeir gu sunntach agus dh-ò1 e sgaile bhranndaidh air slàinte na cuideachd: an deigh sin thug e pìob dhubh stobach thombac air lòm, agus thòisich e air gabhail smùid, thuirt e aig an àm ri fear an taighe, gu ’m fac a’ phìob iomadh latha dosgainneach, gu ’n ghiulain se i fad’ a’s goirid, gu’n tharuinn am fuachd do’n robh e buailteach rè alabhain sgìth an déideadh na aoradh, agus gu ’n robh ceò na pìoba toirt faothachadh dha air uairean; bha’ phìob mu’n àm sin air fàs cho goirid ’s gun tug a luchd-leanmhuinn a “chutag” mar ainm oirr’. Shuidh e féin a’s fear an taighe sìos ag òl gu cridheil agus a gabhail naigheachd a’ chéile gus an robh e trì uairean sa’ mhadainn, an deigh sin chaidh e laidhe agus cha do dhùisg e gus an robh e uair an deigh mheadhon latha an lathairne-màireach. Sa’ mhadainn ’nuair a chuir fear Chìse-Bòrgh fàilt’ air a’ Phrionnsa dh’ fheòraich e dheth, cia mar a fhuair e cadal? Thuirt Tearlach ris nach robh cuimhne aige gun do chaidil e cho fad’ le rugadh e: bha e cho fad gun e féin a shìneadh air leabaidh shocraich as gun robh e air leigeadh leabaidh mhath gu tur as a chuimhne. Thuirt fear Chìse-Bòrgh ged nach b’ann a fàs sgìth dheth a chuideachd, gu ’n robh a làn thràth dha bhi deanamh deas air son am barrachd astair, agus ged do dh’ fhàgadh e an taigh anns an trusgan anns an tainig e dha ionnsaidh gu’m iomchaidh dha ’chulaidh a mhùthadh aig a’ chiad chothrom. Ma Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:— LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE. FLUR, am baraillean ’s am pocannan. PRONN, VINEGAR, SPIOSRAIDH, MOLASSES, PICKLES, agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN. R. H. L. YOUNG & Co. AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL, Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend. AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 255] [Vol. 9. No. 33. p. 7] fheasgar an deigh dha a dhinnear a ghabhail, thog e air gu bhi triall, agus thug e fainear gun robh bean an taighe, mar a chuid bu liugha de sheana bhaintighearnan na linne sin ris an t-snaoisein, agus air dha a bhi gabhail a chead dhi dh’ iarr e snòitean as a bocsa, thug a bhean choir uasal dha am bocsa làn, agus dh’iarr i air a ghleidheadh mar chuimhneachan oirre. Ghleidh e’m bocsa a’ toirt iomadh taing dhi air a shon, agus air son a’ chaoimhneis a nochd i dha bho’n uair a thainig e dh’ ionnsaidh a taighe.—Cho luath sa dh’ fhàg am Prionns’ an taigh chaidh bean Chìse-Bòrgh do’n t-seòmar anns an robh e na laidhe, agus phaisg i seachad na lionanardan anns na chaidil e, agus thug i bòid nach rachadh, aon chuid an nighe no ’n cur air leabaidh, no ann a feum sam bith eile,—gu ’n gleidheadh i seachad iad air son anaird-laidhe dhi fáin an uair bu bhàs d’i. Ghabh Tearlaich a nis’ a thuras gu Port-Rìgh, (astar cheithir-mile diag bho Chìse-Bòrgh,) far an robh sùil aige ri bàt’ fhaotainn air an gabhadh e’n t-aiseag a null do Rasaidh, Bha bhanacharaid dhealaidh Fionnaghal Nic Dhòmhnuill, Niall mac Eachainn, agus fear Chìse-Bòrgh ’nan truir greis de’n t-slighe còladh rìs—thug fear Chìse-Bòrgh deise fiorannaich leis ann am pasgan na làimh, agus air dhaibh a thighinn gu badan beag coille chaidh e féin agus am Prionns’ a steach fo sgaile nan craobh, gus na chuir e dheth an t-éideadh mnatha, agus chuir e uime feile-beag, siste-cot, cota-gearr, osanan cataidh agus bonaid togalach. An sin ghabh fear-Chìse-Bòrgh a chead dheth agus ghabh e fèin agus Niall mac Eachainn rompa gu ruige Port-Rìgh, agus buachaile bho’ a thachair riu aca mar cheann-iùil. Ghabh Fionnaghal agus pàisd nighin an t-ath-ghoirid agus bha i ann am Port-Rìgh uair rompa. Ma chiaradh na h-òidhche thainig Niall mac Eachainn agus am Prionnsa gu taigh-òsda Phort-Rìgh agus fhuair iad Fionnaghal ga tiormachadh féin ris an teine, oir fhuair i fhras throm uisg’ air a turas. Anns an taigh so ghabh am Prionnsa biadh a ’s drama, agus a thaobh gun robh am bàt’ anns an robh e dol a sheòladh do Rasaidh ga fheitheamh aig a chladach ghabh e soraidh ghràidh le Fionnaghal agus le Niall mac Eachainn, Rug e air laimh air Fionnaghal an dara h-uair agus labhair e rithe mar so:—“Air son na thachair a rìbhinn shuairc, ged tha sinn an dràsda dealachadh, tha dòchas agam gun tachair sinn ri chéile fathast ann an lùchairt rìoghail Lunnain. On tha mi dealachadh ri Niall mac Eachainn an so, a thaobh gun robh e na bhall ro shònraichte, agus rudaiginn sealbhach ann an deireadh a laithean, tha mi air son gu’m bi fios aig mo luchd-dùthcha air beagan ma thimchioll. B’ ann de dh’fhior-fhuil Chlann-Domhnuill Niall còir, agus b’e Eachann ainm baistidh athar, air an aobhar sin ghairte mar leth-ainm ris “Niall mac-Eachainn Dhòmhnullaich,” agus mar aithghearr “Niall mac Eachainn” Bu cho-dhalla Niall do sheana Mhac-’Ic-Ailein. Chaidh fhòghlum air son na sagartachd anns an oil-taigh Albannach am Pàrais sa ’n Fhràing, agus bha e ’na bhrod sgoileir. Bha spéis mhòr aig a’ Phrionnsa do Niall, a thaobh e bhi suas ris a’ chainnt Fhràngaich, cànan a b’ fhearr a thuigeadh e air bith. Bha mac Eachainn bho’n uair a dhealaich e ri Tearlach na fhògarach air feadh na dùthcha, ach gu sealbhach fhuair e null do’n Fhràing air a’ cheart luing anns an dh’ fhag Tearlach féin Albainn. Cha mhi-thaitin e ris na Gàeil a chluinntinn gun d’ fhuair Niall mac Eachainn mac ri té dheth na baintighearnan rìmheach thall thar chuan, a bha fa-dheòigh na dhuine mòr, cumhachdach, do’n goirte gu Gallda,—“Marshall MacDonald, Duke of Tarentum!” Ann am bristeadh na maidne a’ chiad latha de mhìos dheireannach an t-shàmhraidh sheòl Tearlach á Port-Rìgh ann am bàta beag fosgailte gu ruige Rasaidh, bha e air tùs a’ conaltradh ris an sgioba ma chaochladh nithibh, ach fa-dheòigh chaidil e air ùrlar an eithir, agus cha do dhùisg e gus an deach i air tìr ann sa’ Ghlàm an eilean Rasaidh, chuir e suas a chairtealan anns an eilean so ann am bothan chaorach, agus chaidil e air leabaidh fhraoich. Anns a’ mhadainn thuirt e riusan a bha ga fheitheamh, gum bu dosgainneach a bha e caitheamh a bheatha, ach, gidheadh, gum b’fhearr lei buanachd air an dòigh ud fad dheich bliadhna seach, tuiteam an làmhan a nàimhdean, thuirt e mar an ceanda gum b’ iongantach a bha e cumail ris, “Oir,” ars esan, “dh’ fhuilig mi bho latha Chuil-Fhodair, na bheireadh bàs air ciad fear, ’s cinnteach nach ann an diamhanas a choigil Dia mi gu cinnteach tha math an dàn domh fathast.” An deigh do Thearlach fantuinn rè dha latha gu leth ann an Ràsaidh, bha e nis’ air son fhàgail a thaobh e bhi na Eilean anns nach bu duilich a ghlacadh na ’n tigeadh a luchd-tòrachd gu tìr ann. Uime sin air feasgar an treas latha de’n mhìos dh’ fhàg am Prionns’ an t-eilean anns an dearbh bhàta anns na ghabh Mr Calum Mac-Leòid mac bràthar do Mhac-’Ille-Chalum féin mar cheann air an sgioba. Cha deach iad ach ma cheud àlach bho thìr, ’nuair a thog na tuinn robach an cinn gu gàireach, is bha ghailbheinn a bàrcadh orra cho trom is gun d’iarr an sgioba pilleadh gus am fàsadh an t-side n’a bu chiùine. Thuirt Tearlach gun robh e fichead òidhche aig fàirge cho garbh rithe sud, iad a ghabhail air an aghaidh, agus chum am misneach a chumail suas thoisich e air seinn ann an Gàelig ghlain beagan rann a dh’ ionnsaich e dheth an “Iorram Dharaich” bho Dhomhnull Mac-Leòid a’ chiad fhear treoraichidh: mar sin chum iad oirre ged a bha i sir thoirt a staigh air gualain an fhuaraidh, is cha deach an spùidsear á làimh Chaluim Mhic-Leòid, gus na bhuail iad tìr mu aon uair diag a dh’ òidhche ri taobh “Creag Mhòr Mhìc-Neacail” fagus do Sgorabreac sa’n Eilean-Sgiathanach. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an calamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. W. M. COWPERTHWAITE, M. D. OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot. AITE-COMHNUIDH: Tigh Mrs. McCurdy, air Lover’s Lane. Phone 227. Phone Oidhche 47a. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 256] [Vol. 9. No. 33. p. 8] Marbhrann Eoghainn. LE ROB DONN MAC AOIDH. Bha Eóghann so ’n a sheann duine ro bhochd, air caitheadh as leis an luathas-analach, ’s e ’n a chòmhnuidh leis féin ann an tigh bochd, ann an àite bochd, aonaranach, lom, fuar, fasachail, am Polladh, aig ceann Loch-Eireabuill. Thachair do’n bhàrd dol latha do’n bheinn-sheilg; agus air dha gun dol leis air an là sin, thainig e ré na h-oidhche do’n Pholladh, air chor ’s gu’m b’ fhaisge e do’n bheinn air chionn na h-ath mhaidne. Bha Eóghann bochd ’n a luidhe sinte air droch leabaidh an oisinn an tighe, agns e ro choltach ris gun robh an uair deireannach aige. Chual am bàrd mu ’n d’ thainig e o’n bhaile an là sin, sgeul air bàs Mhr. Pelham, Ard-Fhear - Comhairle na Rioghachd; agus bhuail air ’inntinn na smuaintean a chithear ’s an òran. Bha am bàrd a’ gabhail an òrain dha féin an deigh e bhi deanta, a’ cur seachad na h-oidhche; agus ’n uair thàinig e gu crìch an rainn dheireannaich—lag-bheartach mar bha Eóghann, ’n uair chual e an t-iomradh a thug am bàrd air fein, ’s ann a ghrad-rug e air bata, agus thug e an oìdhirp a b’ fhearr a dh’ fheudadh e air a’ bhàrd a bhualadh. ’S tric thu, Bhàis, ’cur an céill dhuinn, Bhi sìor éigheachd ar còbhrach; ’S tha mi ’m barail mus stad thu, Gu’n toir thu ’m beag is am mòr leat. ’S ann o meadhan an fhoghair Fhuair sinn fraghaidh a dh’ fhoghnadh, Le do leum as na cùirtibh Do na chùileig ’m bheil Eóghann. Ach na’n creideadh sinn, Aoig, thu, Cha bhiodh ’n saoghal-s’ ’g ar dolladh, ’S nach ’eil h-aon de shliochd Adhaimh Air an tàmailt leat cromadh; ’S i mo bharail gur fìor sud, Gur àrd ’s gur ìosal do shealladh; Thug thu Pelham á mòrachd, ’S fhuair thu Eòghann ’s a’ Pholladh. Tha thu ’tigh’nn air an t-seòrs’ ud Mu’m bheil bròn dhaoine mòra; ’S tha thu tighinn air muinntir Mu nach cluinntear bhi còineadh; Cha’n ’eil aon ’s an staid mheadhoin, Tha saor fathast o dhòghruinn, Do nach buin a bhi caithriseach, Eadar Pelham is Eóghann. Tha iad tuiteam mu’n cuairt dhuinn, Mar gu ’m buailt’ iad do pheilear; Dean’maid ullamh, ’s am fuaim so Ann ar cluasaibh mar fharum; Fhir a’s lugha measg mòrain, An cual thu Eóghann fo ghalar? Fhir a’s mu anns na h-àiteach-s’, An cual thu bàs Mhr. Pelham? Ach a chuideachd mo chridhe, Nach toir an dithis-s’ oirnn sgathadh? Sinn mar chainneal an lanntarn, ’S an dà cheann a’ sìor chaitheamh. C’ àit an robh anns an t-saoghal Neach a b’ ìls’ na mac t’ athar s’? ’S cha robh aon os a cheann-san Ach an Rìgh bh’ air a’ chathair. Gur ann Thall, Thall, Thall. LE ROB DONN MAC AOIDH. Oran air nighean òig bha cho baoth ’s gu’n d’ innis i bruadar a chunnaic i air a leannan, e a thighinn le iuchair ’n a laimh a dh’ fhosgladh glas ùr bha aice air ciste. LUINNEAG. Gur h-ann thall, thall, thall, Gur h-ann thall gheobh thu i; Gur h-ann thall, thall, thall, Tha do ghnothuch troimh ’n fhrìth; Is mur ’eil an iuchair agad, Fiuchar ann a clì, Siubhail rathad tigh a’ Ghreumaich, ’S gu ’n gleus e dhuit i. ’N uair théid thu do’n tìr shuas, Bi gu suairce le faoilt; Agus feuch gu’n gleidh thu ’m bruadar A chualas anns an tìr; Is mur ’eil an iuchair agad, Fiuchar ann a clì, Siubhail rathad tigh a’ Ghreumaich, ’S gu ’n gleus e dhuit i. Gur h-ann thall, &c. ’S iomadh subseig uasal Fhuair sinn ’s an tìr; ’S e ’m fear a thàinig air chuairt Bh’ air a bhuaireadh le gaol; Gach car a thug a’ ghruagach, Mu’n d’ fhuair i fear piob— An iuchair is am bruadar Is gruag Iain Mhaoil. Tha iuchair ann an Malldaidh, ’S gur mall a ruitheas i; Cha’n ’eil fear a ni rann Nach faigh crampadh math dhì; Am fear a thachair lamh rith’ Cha’n fhàir e tigh’nn d’a dìth; ’S còir da ’cuir do’n cheàrdaich ’S gu’n càirear da i. ’S ann a bhios a’ mhùirn Air taobh thall a’ chaoil, ’N uair thig i mach gu sùrdail ’Thoirt sùl air a gaol; A dupadaich ’s a’ beiceadaich ’S ag eilteachadh le faoilt, ’G a chlapaigeadh ’s ’g a phàgadh Le ’gàirdeannan sgaoilt’. Aisling an t-Saighdeir. Rinneadh an t-eadar-theangachadh so le Iain Mac Ille-bhain, an Inbhirnis. Choisinn e a cheud duais aig a Mhòd. Thug sinn ag cheana seachad an t-eadar-theangachadh a choisinn an darra duais. Aig sanas na trompaid chaidh fosadh san ar, ’S thug na reultan frith-shoills’ mar bha ’n duibhre a fàs; Gun chomas, gun chli, laigh na mìltean air làr, An claoidhte gu cadal, ’s an leointe gu bàs. A sgànradh nam faol o chuirp phrìseil nan sonn, Las sinn braidseal, ’s na chòir is ’mi ’m laighe gu tlath, Thainig aisling san oidhch’ a chuir m’ aigne fo fhonn, ’S rinn mi ’m bruadar trì uairean roimh bhristeadh an la. Air céin-astar fàs rinn mi siubhal am shuain, Bho fhaiche na còmh-strì ’s nam brataichean sròil; Bha grian gheal an fhoghair ’cur soills’ air a chluain, Is dachaidh mo shinnsear chuir fàilt’ orm gu fòil. As ùr bha mi ’g imeachd, le aoibh is le luaths, Nan achadh bu chaomh leam am madainn mo shaogh’l; Thug òrain nan buanaichean sòlas do m’ chluais, ’S mo ghobhair san fhireach rinn moigeadaich ghaoil. Mo dhachaidh ’s mo chairdean nach fàgainn ri m’ bheò. Rinn mi gealladh a dhaingneach’ le slighe de’n fhìon; Mo mhàldag chuir osna a cridhe gun ghò Ri mìltean de phògan o m’ chròileagan crìon. “Fan leinn is gabh fois—tha thu claoidhte ’s fo phéin”— ’S bu deònach a dh’ fhanadh leo Saighdeir an gaoil— Ach dh’ ùraich mo dhoilgheas aig éirigh na gréin’, ’S mar sheachdag san abhainn chaidh m’ aisling fa-sgaoil. COIRE-BHREACAIN. Bas. —Air Beinn nan Sgitheanach, C. B., air a choigeamh latha de dharra mios na bliadhna, Catriona Nic-Dhunléibhe, bantrach Iain Mhic-a-Phi, aois ceithir fichead us coig bliadhna. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar a tha do Shuilean? Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [TD 257] [Vol. 9. No. 34. p. 1] MAC-TALLA. “An na nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” Vol. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 22, 1901. No. 34. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XII. BHA Seònaid ann an iomadh dòigh ’na h-ighinn cho gasda ’sa gheibhteadh anns an duthaich. Bha i anabarrach aoidheil ris na h-uile a thachradh rithe. Agus shaoileadh daoine nach robh te eile anns an duthaich cho math, agus cho ciùin nàdar rithe. Bha cluas-chiùil mhath aice, agus cha robh port no òran no fonn sam bith eile a chluinneadh i nach togadh i anns a’ mhionaid. An uair bu trainge bhitheadh i, agus an uair bu deuchainniche a bhiodh a gnothaichean fhein agus gach dragh a bhiodh a tighinn ’na rathad o ghnothaichean dhaoine eile, ’ga sàruchadh, is ann bu bhinne a chluinnteadh a guth a’ ghabhail òran. Bha so a’ toirt air a h-uile duine ’bhith smaointean gu’n robh i cho ciùin agus cho math nàdar ’s nach cuireadh rud sam bith gruaim no corruich oirre. Ach bha iad gu mor air am mealladh. Bha Seònaid ’na h-ighinn òig cho guinneach, agus cho gamhlusach ’s a gheibhteadh ann an àite sam bith. Ged a bhiodh fonn an òrain air a bilean, bhiodh a chridhe gu sgaoileadh le feirg ’s le fuath ’s le gamhlas. Bhiodh i gu trang a’ gabhail oran a chum falach a chur air staid a h-inntinn, direach mar a bhios na gillean òga ’feadaireachd anns an oidhche dhorcha, an uair a bhios iad a dol seachad air a’ chladh, gus an inntinn a thogail bhar an eagail a tha ’cur crith air na cridheachan aca. Agus cha b’i Seònaid na h-onar aig an robh an cleachdadh so gus falach a chur air staid na h-inntinn. Bha iad ann, agus tha iad ann an diugh, aig am bheil a’ cheart dòigh. Shaoileadh duine nach leaghadh an t-ìm ’nam beoil leis a’ choltas chiùin, bhanail a th’ orra; ach mo thruaighe na daoine sin air an tòisich iad ri dioghaltas a chaitheamh. Thoir daibh an toil fhein, agus bidh a’ chùis ceart gu leòr. Ach tòisich ri cur ’nan aghaidh, agus theid mise an urras gu ’m bi beagan a nasgaidh agad dheth. Nan cuireadh na h-òrain a ghabhas iad, agus an coltas aoidheil a tha orra, an coimhicheas agus an gamhlus a tha ’nan cridheachean gu bàs, bu mhath. Ach an uair a tha na nithean so air an gnàthachadh gus an droch mheinn a tha fuaighteadh riutha a chumail beò, cha ’n urrainnear am moladh. Mu ’n gann a thug Seonaid a culaobh ri Aonghas, thòisich i ri gabhail òran. Chuala Aonghas a guth, agus thuirt e ris fhein, “Tha do chridhe am mireag riut, a Sheònaid. Ma ghabh thu saonas ris na thuirt mise riut, cha robh thu fada ’ga dhichuimhneachadh. Tha e air fhagail ort gu ’m bheil thu làn dhe’n droch nàdar; ach is gann a tha mi ’g a chreidsinn.” An uair a choisich e beagan air aghart, thainig smaointeanan eile steach air an inntinn aige. Ars’ esan ris fhein, agus e ’labhairt am mach, “Tha a’ cheud dhual dhe ’n taod a nis air a bristeadh, agus cha ’n fhad’ a dh’ fhanas na duail eile slàn. Ma bha amhrus aca gur mi a thug an lòsan as an uinneig, cuiridh sid as am barail iad. Ach ged a bhiodh amhrus aca orm, cha leigeadh iad dad orra. Tha iad cho gleusda. Feithidh iad feuch an cluinn iad fathunn mu ’n chuis, agus an sin maidichidh iad ormsa, no air cuideiginn eile.” An uair a thubhairt e so, ghabh e air aghart le ceum làidir, cabhagach, oir bha eagal air gu ’m biodh an t-anamoch ann mu ’n ruigeadh e taigh Iain Chamarain, ann an Lacasdal. Ged nach robh ach astar goirid eadar Seònaid agus taigh a h-athar, choisich i gle chabhagach an deigh dhi dealachadh ri Aonghas. Dhùisg corruich nach bu bheag ’na h-inntinn a chionn mar a labhair e rithe. Agus ged a bha fonn an òrain air a bilean aig an àm, cha b’ann a chionn gu’n robh sìth is fois aig a h-inntinn, ach gus toirt air Aonghas a chreidsinn, agus fios aice gu’n robh e ’cluinntinn a guth, nach do chuir an comhradh a bha eatorra gruaim sam bith oirre. An uair a choisich i greis air aghart, thuirt i rithe fhein, “Faodaidh tu deanamh air do shocair, Aonghais. Ged is tu fear a’s mò air am bheil de mheas agamsa a chunnaic mi riamh, leigidh mi fhaicinn dut ’na dheigh so, co ris a tha do ghnothach. Ged nach ’eil meas sam bith agam air Coinneach, cumaidh mi facal ris, ged nach deanainn ach dorran a chur ortsa. Is math leam gur ann air a tha thusa agus Domhull a ’cur na coire air son sinne ’bhith cho doichleach ribh an raoir.” Ged a thuirt i moran a bharrachd air so, cha’n ’eil feum a bhith ’g a aithris. Bha am feasgair anamoch ann an uair a rainig Aonghas taigh Iain Chamarain, am braighe Lacasdail. Thug Iain an aire dha an uair a nochd e ann an sealladh an taighe, agus choisich e ’na choinneamh. “Bha mi teannadh ri gabhail eagail nach tigeadh tu idir,” ars’ Iain. “Cha chumadh rud sam bith mi gun tighinn ach tinneas no bàs. Ach tha ’n t-astar fada, agus tha ’n latha goirid,” ars’ Aonghas. “Feumaidh sinn falbh as a’ so mu shia uairean. Tha coig mile monaidh eadar so ’s taigh Eoghainn Bhain, agus o’n tha ’n oidhche gun ghealaich, agus na speuran comhdaichte le neòil, bheir sinn barrachd uine air deanamh an astair na shaoileadh tu,” ars’ Iain. “Co ’tha ’falbh comhladh ruinn?” ars’ Aonghas. “Tha triuir dhe na coimhearsnaich a’ falbh. Tha dithis dhiubh gus a bhith giulan a’ phige,” ars’ Iain. “Feumaidh gu’m bheil am pige gu math mòr ma dh’ fheumas dithis a bhith ’g a ghiulan,” ars’ Aonghas. “Am bheil muinntir Chul-fraoin gu léir gus a bhith air an réiteach?” “Tha mise gun fhios agam co tha gus a bhith ann. Iarradh iad ann na thogras iad. Saoilidh mise gu’m bheil mi ’toirt deoch gu leòr leam. Tha fhios agad gu ’m feumar deoch a chur an tairgse nan càirdean a bhios a’ dol do’n taigh le cuideachadh bainnse. Air son na chosgas e dhomhsa, is fhearr leam am barrachd a thoirt leam na sinn a ruith gann mu’n tig oidhche na bainnse. Is fhad o’n a thuirt m’ athair rium, nach bu chòir dhomh a bhith spìocach mu bhiadh no mu dheoch aig àm sam bith. Cha ’n fhaca mi riamh rath air na daoine a bhiodh cruaidh, spìocach mu bhiadh ’s mu dheoch. Ach tha’n dealachadh a’s mò eadar a bhith spìocach agus a bhi sgaireapach. Tha gu leòr ann a tha sgaireapach air eagal gu’n abrar gu’m bheil iad spìocach,” ars’ Iain. An uine gu’n bhith fada, thainig an triuir choimhearsnach, agus an uair a ghabh iad biadh is deoch, rinn iad deiseil gu falbh. Chuireadh pige dà ghallain ann an cliabh, agus thug fear dhe na daoine leis air a mhuin e. Saoilidh daoine an diugh gu’n robh tuilleadh ’s a’ chòir dhe ’n deoch làidir a’ falbh an oidhch’ ud. Ach feumar a chuimhneachadh, gu ’n robh iomadh cleachdadh am measg dhaoine o chionn tri fichead bliadhna nach ’eil idir am measg dhaoine air an latha ’n diugh. Cha ’n ’eil sinn gu bhith ’smaointean gu ’n robh na cleachdaidhean a bh’ ann ’s an àm ud airidh air a bhith ’g an leantuinn aig an àm so, ged a tha sinn a’ toirt iomraidh orra. Ach tha sinn a’ toirt iomraidh orra, a chum gu ’n tuig sinn na ’s fearr an t-atharrachadh a thainig air an dùthaich, agus air sluagh na duthchadh o’n uair ud. Aig an àm ud bha daoine, ann an iomadh àite dhe ’n Ghaidhealtachd, a’ deanamh an uisge bheatha gun òrdugh a’ Chruin. Bha seirbhisich a’ Chruin—“na gaugerean”—a’ deanamh na b’ urrainn daibh gus cur as do ’n obair mhi-laghail so. Ach a dh’ aindeoin na bha iad a’ deanamh, bha ’n obair a’ dol air aghart ann an iomadh gleann uaigneach, iomallach air feadh na Gaidhealtachd. Ann an àiteachan comhnard mar a tha na h-Eileanan an Iar, far nach ’eil glinn is coireachan uaigneach ach glé ainneamh ri faotainn, bha e furasda gu leòr cur as do na poitean dubha. Ach ann an iomadh àite air tìr-mòr, cha robh e furasda stad a chur orra. Bha muinntir Ghearrloch ainmeil aig an àm ud air son na bha iad a’ deanamh dhe ’n uisge bheatha. Agus bhiodh iad a’ falbh leis gun fhios air muir agus air tir, agus ’ga reic air son beagan thasdan an gallan, ri òsdairean agus ri duine sam bith eile a cheannaicheadh uapa e. Agus o’n a bha e cho furasda ri fhaotainn, agus cho saor ri cheannach, cha robh caomhnadh air. Beagan mhiltean o Lacasdal, bha gleann uaigneach, iomallach, do am biodh daoine a’ dol le’n cuid gràin gus uisge beatha a dheanamh, agus b’ ann as a’ ghleann so a fhuair Iain Camaran an t-uisge beatha a bha aige air son an réitich agus na bainnse. Ach ged a bha ’n deoch laidir cho pailt ’sa bha i, b’ ainneamh a chìteadh daoine ’nan sineadh leis a mhisg. Mu ’n d’ fhalbh Iain Camaran air a thurus gu ruige Cul-fraoin, bhlais e fhein agus na fir a bha falbh comhladh ris uair na dhà air mac na braiche. O nach robh am pige ri ’fhosgladh gus an ruigeadh iad an ceann-uidhe, thug iad leotha botul a bhiodh aca an uair a ruigeadh iad leitheach rathaid. (Ri leantuinn). [TD 258] [Vol. 9. No. 34. p. 2] An Gille Carrach Mac na Bantraich. (Seann Sgeulachd). BHA uaireiginn ann roimhe so bantrach, agus bha aona mhac aice. Thug i dà sgoil mhath, agus bha i los gu ’n taghadh e ceaird air a shon fein; ach thubhairt esan, nach rachadh e a dh’ ionnsuidh ealdhain air bith, ach gu ’m bitheadh e na mhearlach. Thubhairt a mhàthair ris, “Ma ’s e sin an ealdhain a tha thu a dol a thaghadh dhuit fhein, is e is deireadh dhuit, a bhi air do chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn.” Ach bu choma cò dhiubh, cha rachadh esan gu ealdhain air bith, ach gu a bhith na mhearlach. Agus bhitheadh a mhàthair daonnan a deanamh fàisinneachd dà, gu ’r e bu deireadh dhàsan a bhith air a chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn. Latha do na làithean bha a bhantrach a dol do ’n eaglais, a dh’ éisdeachd searmoin, agus bha i ag iarraidh air a’ ghille charrach, a mac, e a dhol leatha, ’s e a thoirt thairis do a dhroch stiùireanan, ach cha rachadh e leatha; ach thuirt e rithe, “Is e a chiad ealdhain air an cluinn thusa iomradh, an deigh dhuit tighinn a mach o’n t-searmoin, an ealdhain gu ’s an teid mise a rithis.” Dh’ fhalbh ise do ’n eaglais, ’s i làn misnich, an dùil gu ’n cluinneadh i rud-eiginn math. Dh’ fhalbh esan ’s chaidh e do bhad coille a bha dlùth do ’n eaglais, ’s chaidh e ’m falach ann an àite far am faiceadh e a mhàthair, an uair a thigeadh i a mach as an eaglais. Agus cho luath is a thainig i a mach, ghlaodh esan, “Mèirle, mèirle, mèirle.” Sheall ise mu ’n cuairt, ach cha b’ urrainn di aithneachadh cia as a bha ’n guth a tighinn, ’s dh’ fhalbh i dhachaidh. Ruith esan rathad ath-ghiorra, ’s bha e aig an tigh air thoiseach oirre, ’s bha e na shuidhe a stigh taobh an teine tra a thainig i dachaidh. Dh’ fharraid e di, cia dé an sgeul a fhuair i? Thubhairt ise nach d’ fhuair i sgeul air bith, ach gu ’m b’e “mèirle, mèirle, mèirle,” a’ chiad chainnt a chual’ i tra thainig i a mach as an eaglais. Thubhairt esan gu ’m b’e sin an ealdhain a bhitheadh aigesan, ’s thubhairt ise, mar a b’ àbhaist di, ag ràdh, “Is e deireadh dhuit a bhith air do chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn.” An ath latha smuaintich a mhàthair, bho nach deanadh nì air bith tuilleadh gnothach le a mac ach e a bhith na mhèirleach, gu ’m feuchadh i ri oide-ionnsaich math fhaotuinn dà. Agus chaidh i a dh’ ionnsaidh gadaiche dubh Achalòine, meirleach anabarrach seolta a bha anns an àite sin. Agus ged a bha fios aca gu ’n robh e ri goid, cha robh iad a faotuinn doigh air bith air beireachd air. Dh’ fharraid a’ bhantrach do ’n ghadaiche dhubh an gabhadh e an gille carrach, a mac, gus a ghadachd ionnsachadh dha. Thuirt an gadaiche dubh ma bha e ’na ghille tapaidh gu ’n gabhadh, agus ma bha doigh air meirleach a dheanamh dheth, gu ’n deanadh esan e; agus chaidh cumhnant a dheanamh eadar an gadaiche dubh ’us an gille carrach. Tra bha an gille carrach mac na bantraich a deanamh deis gu dol thun a’ ghadaiche dhuibh, bha a mhàthair a toirt chomhairlean air, agus thuirt i ris, “Is ann an aghaidh mo thoil-sa a tha thu a’ dol thun na mèirle, agus tha mi ag innse dhuit, gur e is deireadh dhuit a bhith air do chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn.” Ach chaidh an gille carrach dhachaidh thun a’ ghadaiche dhuibh. Bha an gadaiche dubh a tabhairt na h-uile foghlum a dh’ fhaodadh e do ’n ghille charrach air mèirle a dheanamh. Bhitheadh e ag innse dha mu ’n t-seoltachd a dh’ fheumadh e a dheanamh gus an cothrom fhaotainn air rud a ghoid. Agus tra bha leis a’ ghadaiche dhubh gu ’n robh an gille carrach gle mhath air fhoghlum gu e a bhith air a thoirt a mach leis, bhitheadh e ga thoirt a mach leis gu goid a dheanamh. Agus latha do na laithean sin thubhairt an gadaiche dubh ris a ghile: “Tha sinn gle fhada mar so: is fheudar dhuinn dol a dheanamh rudeiginn. Tha tuathanach beartach dlùth dhuinn, agus tha moran airgid aige ’na chiste. Is e a cheannaich na bha do chrodh ri reic anns an dùthaich, agus thug e chum na faidhir iad ’s chreic e iad; tha an t-airgiod aige ’na chiste, agus ’se so an t-àm gu bhith aige, mu ’n teid na daoine a phaigheadh air son an cuid cruidh; ’s mur teid sinn a dh’ iarraidh an airgiod an ceart uair, tra a tha e cruinn ri cheile, cha ’n fhaigh sinn an cothrom ceudna a rithist.” Bha an gille carrach cho toileach ris fein. Dh’ fhalbh iad chum an taigh ’us fhuair iad a stigh aig tighinn na h-oidhche, agus chaidh iad an aird air an fharadh, ’s chaidh iad am falach gu h-àrd ann an sin. Agus is e oidhche Shamhna a bh’ ann, agus chruinnich moran do fheadhainn a stigh a ghleidheadh na Samhuinn gu cridheil mar a b’ abhaist daibh. Shuidh iad comhla, agus bha iad a seinn oran, ’us ri aighear, agus a’ losgadh nan cnò, agus ri àbhachd. Bha an gille carrach a gabhail fadail nach robh a chuideachd a sgaoileadh; dh’ eirich e ’s chaidh e sios do ’n bhàthaich, ’s dh’ fhuasgail e na naisg far amhaichean a chruidh, ’s thill e ’s chaidh e air an fharadh a rithist. Thòisich an crodh air purradh a cheile anns a bhàthaich, ’s air raoiceadh. Ruith na bha anns a chearnadh a chumail a’ chruidh o ’cheile gus an rachadh an ceangal a rithist. An tiom a bha iadsan a deanamh sin, chaidh an gille carrach sios do ’n chearnadh ’s ghoid e leis na cnothan, ’s chaidh e an àird air an fharadh a rithisd, agus luidh e air culaobh a ghadaiche dhuibh. Bha seiche mhor leathraich aig culaobh a ghadaiche dhuibh, ’s bha snathad agus snathainn aig a ghille charrach agus dh’ fhuaigh e iomall còta a ghadaiche dhuibh ris an t-seiche leathraich a bha aig a culaobh. Agus tra thainig muinntir an taighe air an ais do ’n chearnadh a rithist bha na cnothan aca air falbh, agus bha iad ag iarraidh nan cnothan, agus shaoil iad gu ’m b’e cuideiginn a thainig a stigh a dheanamh chleas orra a thug air falbh nan cnothan, agus shuidh iad aig taobh an teine gu sàmhach, tosdach. Thubhairt an gille carrach ris a ghadaiche dhubh, “Cnacaidh mi cnò.” “Cha chnac,” thuirt an gadaiche dubh, “cluinnidh iad thu ’s theid beireachd oirnn.” Thubhairt an gille carrach, “Cha robh mi-fhein riamh roimhe oidhche Shamhna gu ’n chnò a chnacadh.” Agus chnac e te. Chuala an fheadhainn a bha ’nan suidhe ’s a chearnadh e, ’s thubhairt iad, “Tha cuideiginn gu h-ard air an fharadh a cnacadh nan cnothan againn; theid sinn agus beiridh sinn orra.” Tra chuala an gadaiche dubh sin leum e far an fharaidh ’s ruith e a mach ’s an t-seiche an slaodadh ris. Theich an gadaiche dubh ’s muinntir an taighe as a dheigh, ’s bha e astar mor o’n tigh mu ’n d’ fhuair e an t-seiche a reubadh dheth agus a fàgail. Ach an tiom a bha muinntir an taighe a ruith a ghadaiche dhuibh, thainig an gille carrach a nuas far an fharaidh; chaidh e air feadh an taighe agus dh’ amais e air a chiste far an robh an t-òr ’s an t-airgiod aig an tuathanach ga ghleidheadh; dh’ fhosgail e a chiste ’s thug e a mach aiste na builg anns an robh an t-airgiod a bha innte, agus thug e leis eallach do ’n aran ’s do ’n chaise, ’us do na h-uile ni a b’ fhearr na cheile a fhuair e a stigh. Agus bha esan air falbh mu ’n d’ thainig muinntir an taighe air an ais o bhith a ruith a ghadaiche dhuibh. Nuair a rainig an gadaiche dubh dachaidh, ’s nach robh nì air bith aige, thubhairt a bhean ris, “Ciamar a chaidh fairleachadh ort air an turus so?” An sin dh’ innis an gadaiche dubh a sgeul fein, agus bha fearg mhor air ris a ghille charrach, ’s e bòideachadh gu ’n deanadh e dioghaltas tra gheibheadh e cothrom air. Aig ceann uine ghoirid na dheigh sin thainig an gille carrach a stigh, agus eallach air. Thubhairt bean a ghadaiche dhuibh, “Ach tha duil agam gur tusa meirleach is fhearr.” Cha dubhairt an gadaiche dubh diog, gus ’n do leig an gille carrach fhaicinn na builg a bha aige lan do òr ’s do airgiod; an sin thubhairt an gadaiche dubh, “Ach bu tu an gille tapaidh!” Rinn iad da leth air an òr ’s air an airgiod, ’s fhuair an gadaiche dubh an darna leth agus an gille carrach an leth eile. Tra a chunnaic bean a ghadaiche dhuibh an roinn a thainig oirre thubhairt i, “Is tu fein am meirleach fiachail!” ’s bha tuille meas aic’ air na dheigh sin na bha aic’ air a ghadaiche dhubh e fein. Aig ceann beagan sheachdainean na dheigh sin bha banais gu bhith anns a choimhearsnachd, agus b’e fasan na dùthcha, tra rachadh feadhainn a bhitheadh saoibhir a chuireadh, gu ’n cuireadh iad tabhartas a thaobheigin a dh’ ionnsuidh muinntir na bainnse. Bha tuathanach beartach ann a chaidh a chuireadh, agus dh’ iarr e air a bhuachaille aige e a dhol ris a mhonadh, ’s e a thoirt dachaidh molt air son muinntir na bainnse. Chaidh am buachaille ris a mhonadh ’s fhuair e am molt, ’s bha e a dol dachaidh leis, ’s e aige air a dhruim, an uair a bha e a dol seachad air tigh a ghadaiche dhuibh. Thubhairt an gille carrach ri a mhaighstir, “Cia dé an geall a chuireas tu nach goid mi am molt far druim an fhir sin mu ’n ruig e an tigh fhathasd?” Thubhairt an gadaiche dubh, “Cuiridh mi geall ciad marg nach urrainn duit; ciamar a ghoideadh tu an rud a tha air a dhruim?” “Cia air bhith mar a ni mi e feuchaidh mi ris,” ars’ an gille carrach. “Ma ta ma ni thu e,” thuirt an gadaiche dubh, “bheir mise dhut ciad marg.” “Is bargan e,” ars’ an gille carrach; ’us le sin dh’ fhalbh e an deigh a bhuachaille. Bha aig a bhuachaille ri dhol troimh choille, agus ghabh an gille carrach falacha talmhainte air, gus gu ’n d’ fhuair e air thoiseach air, agus shalaich e a bhròig, ’s chuir e a bhròg air thoiseach air a bhuachaille, ’s chaidh e fein am falach. An uair a thainig am buachaille air aghaidh, ’s a chunnaic e a bhròg, thubhairt e, “Ach tha thu salach, ’s ged a thà, na ’m bitheadh do leth-bhreac ann, ghlanainn thu;” ’s chaidh e seachad. Thog an gille carrach a bhrog, ’s ruith e mu ’n cuairt, ’s bha e air thoiseach air a’ bhuachaille, ’s chuir e bhròg eile air an rathad air thoiseach air. Thubhairt am buachaille ris fhein, “Ach tha ann an sin leth-bhreac na bròige salaiche.” Chuir e am molt air làr, agus thubhairt e ris fhein, “Tillidh mi a nis ’s gheibh mi a bhrog shalach ’s glanaidh mi i, ’s bithidh dà bhroig [TD 259] [Vol. 9. No. 34. p. 3] mhath agam air son mo shaoithreach;” ’s ruith e gu luath air ais. Ruith an gille carrach gu luath ’s ghoid e leis am molt, ’s thug e leis an da bhroig, ’s chaidh e dhachaidh chum a mhaighstir, ’s fhuair e a chiad marg o a mhaighstir. Chaidh am buachaille dhachaidh, ’s dh’ innis e do a mhaighstir fein mar a thachair dà. Throid a mhaighstir ris a bhuachaille. An ath latha chuir an tuathanach a rithist ris a mhonadh e a dh’ iarraidh eirionnach (gobhar) an àite a mhuilt a chaill e. Dh’ fhalbh am buachaille ris a mhonadh, ’s fhuair e greim air eirionnach; cheangail se e, chuir e air a dhruim e, ’s dh’ fhalbh e gu dol dachaidh leis. Chunnaic an gille carrach e ’s chaidh e do ’n choille, ’s bha e an sin air thoiseach air a bhuachaille, ’s chaidh e am falach, ’s thoisich e air mèilich coltach ris a’ mholt. Shaoil am buachaille gu ’m b’e am molt a bha ann, ’s chuir e dheth an t-eirionnach, ’s dh’ fhàg se aig taobh an rathad e, ’s chaidh e a dh’ iarraidh a mhuilt. An tiom a bha am buachaille ag iarraidh a’ mhoilt, chaidh an gille carrach ’s ghoid e leis an t-eirionnach, ’s chaidh e dhachaidh leis chum a ghadaiche dhuibh. Tra chaidh am buachaille air ais far an d’ fhàg e an t-eirionnach, bha an t-eirionnach air falbh, cha robh an t-eirionnach ann. Dh’ iarr e air son an eirionnach, ’sa nuair nach b’ urrainn d’a an t-eirionnach fhaotainn, chaidh e dhachaidh ’s dh’ innis e do a mhaighstir mar a dh’ eirich dha; agus throid a mhaighstir ris, ach cha robh comas air. An ath latha dh’ iarr an tuathanach air a bhuachaille aige e a dhol ris a mhonadh, agus e a thoirt dachaidh damh, e a bhith cinnteach nach cailleadh se e. Chaidh am buachaille ris a mhonadh, ’s fhuair e damh math reamhar, ’s bha e ga iomain dachaidh. Chunnaic an gille carrach e, ’s thubhairt e ris a’ ghadaiche dhubh, “Tiugainn, ’s theid sinn a dh’ fheuchainn ris an damh a ghoid o’n bhuachaille, tra a bhitheas e a dol troimh an choille leis.” Dh’ fhalbh an gadaiche dubh ’s an gille carrach do ’n choille air thoiseach air a bhuachaille. Agus tra bha am buachaille a dol troimh ’n choille leis an damh, bha an gadaiche dubh an aon àite, ’s e a mèailich, ’s an gille carrach an àite eile, ’s e a migeartaich coltach ri gobhar. Chuala am buachaille iad, ’s shaoil e gu ’m faigheadh e am molt agus an t-eirionnach a rithisd. Cheangail e an damh ri craoibh, ’s chaidh e air feadh na coille, ag iarraidh a’ mhuilt agus an eirionnaich; ’s dh’ iarr e iad gus gu ’n robh e sgìth. An tiom a bha esan ag iarraidh a mhuilt ’s an eirionnaich, chaidh an gille carrach ’s ghoid e leis an damh ’s thug e leis dachaidh e chum tigh a ghadaiche dhuibh. Chaidh an gadaiche dubh dhachaidh as a dheigh, ’s mharbh iad an damh, ’s chuir iad am falach e, ’s bha maragan math aig bean a ghadaiche dhaibh an oidhche sin. Tra thainig am buachaille air ais thun na craoibh far an d’ fhag e an damh ceangailte, cha robh an damh ann. Dh’ aithnich e gu ’n deach an damh a ghoid. Chaidh e dhachaidh ’s dh’ innis e do a mhaighstir mar a thachair, agus throid a mhaighstir ris, ach cha robh comas air. An ath latha dh’ iarr a mhaighstir air a bhuachaille aige e a dhol ris a mhonadh, ’s e a thoirt dhachaidh molt, ’s gu ’n e ga leigeadh far a dhruim idir, gus gu ’n tigeadh e dhachaidh, cia air bith a chitheadh na a chluinneadh e. Dh’ fhalbh am buachaille, ’s chaidh e ris a mhonadh, ’s fhuair e am molt, ’s chaidh aige air a mholt sin a thoirt dhachaidh. (Ri leantuinn.) Comhradh. LE F. O. S. SEUMAS—Fàilte ’s furain ort, a Dhomhuill. Is fhad’ o nach fhaca mi thu. Ciod e an saoghal a bh’ agad o’n a chunnaic mi mu dheireadh thu? DOMHULL—Tha latha no dhà o nach robh mise air an taobh so dhe’n dùthaich. Cha leig drip an t-saoghail leam falbh air astar fad’ o’n taigh aig am sam bith dhe’n bhliadhna. Tha’n teaghlach a’ fàs lionar, agus feumaidh iad biadh is aodach is caiseart. Agus mar a dh’ fhaodas duine sam bith a thuigsinn, tha mo dhiol agam ri dheanamh a h-uile rud a chumail ’na àite fhein. Ach taing do ’n Chruthaifhear a tha cho gràsmhor, fabharach ruinn anns gach doigh, cha ’n ’eil éis sam bith oirnn, agus tha ’n t-slàinte againn. S—Is math an naigheachd a th’ agad, a Dhomhuill. Cha ’n ’eil truas sam bith agam ri daoine fhad ’s a bhios biadh is aodach is slàinte aca, ged is tric leotha bhith gearain. D—Bidh daoine ’gearain a dh’ aindeoin na bhitheas aca de nithean matha na beatha so. Tha daoine ann a bhiodh a’ gearain ged bheirteadh dhaibh an domhan ’s an saoghal. Ach is beag feum a ni an cuid gearain dhaibh. Bha uair a bha mi fhin [?] gu leòr gu gearain; ach an uair a thug mi fa near nach deanadh gearain feum sam bith dhomh fhin no do dhuine sam bith eile, sguir mi dhith mar dhroch obair. S—Bha thu ceart gu leòr, a Dhomhuill. Cha ’n ’eil ann an gearain ach obair gun bhiadh, gun taing gun tuarasdal. Agus cha bu chòir do dhuine glic sam bith a bhith ri obair dhe ’n t-seòrsa. Ach, a Dhomhuill, cha ’n ’eil thu fhein ann an coltas cho math ’s a chunnaic mi thu mu dheireadh. D—Tha mi slàn gu leor; ach tha mi air mo shàrachadh ag obair. Mar a dh’ innis mi dhut, tha ’n teaghlach air fàs lionar, agus tha iad uile cho òg ’s nach fhaigh mi ach gann car obrach asda. Dheanadh triuir dhiubh cuideachadh gu leòr leam mar b’ e gu ’m feumar an cumail anns an sgoil. Mur toir iad a steach an t-uisge agus a’ mhòine dh’ am mathair, agus greis a thoirt air feurach a’ chruidh a h-uile feasgar a bhios tioram, blàth, an corr obrach cha ’n fhaighear asda. Feumaidh mise feuchainn ris a’ chuid mhòr dhe’n obair a dheanamh leam fhin mar is trice. Cha’n ’eil searbhanta againn am bliadhna idir. Agus tha sinn a’ deanamh a’ ghnothaich as a h-aonais na ’s fhearr na bha sinn an dùil. Fhuair sinn ar sàrachadh gu mòr leis an t-searbhanta a bh’ againn an uiridh. Bha i fìrinneach, onarach gu leòr; ach o’n a bha fhios aice gu ’n robh i ’na h-ighinn bhòidhich, ghlain, cha b’ann air ar n-obair-ne a bha ’n aire aice idir, ach air riomhadh, agus air mar a chumas i i-fhein cho grinn ’s cho glan ’s ged a bhiodh i ann an céis ghlaine. Cha rachadh i leith mhile air cheann-turuis gun ada gheal le itean dearga air a ceann, agus cleòca grinn, agus lamhannan. An uair a bha sinn ris a’ bhuain cha togadh i sguab dhe ’n arbhar gun lamhannan làidir leathair a bhith air a basan mìne, geala. Chitheadh tu d’ fhaileas as na brògan a bhiodh oirre. Bhiodh crios de leathar faileasach dubh m’a meadhain, agus e ceangailte le bucal buidhe. Cha fhreagradh searbhanta dhe’ n t-seòrsa sin air mo leithid-sa de dhuine bochd idir. Thug i ’Ghalldachd oirre. Tha mi ’n dòchas gu’n éirich gu math dhi. S—Ach cia mar a chaidh agad air a’ bhar a chruinneachadh am bliadhna gun searbhanta. Tha fhios agam gu ’m bheil thu ’deanamh cuireachd mhath a h-uile bliadhna. D—Fhuair mi am barr a chur fo dhion mòran na b’ fhearr na bha mi ’n dùil. Ghearr mi fhéin a h-uile beum dheth, agus cha b’ e sin am furasda. Bha’m barr trom anns a’ h-uile àite am bliadhna. Laidh e mu ’n robh e leitheach abachaidh. Ged a bha mi, uair dhe’n robh mi, glé mhath air a’ chorran, tha mi air a leigeadh gu mòr a cleachdadh. Doirbh ’s mar a bha e ri ghearradh, ghabh mi dha leis an speal. Bha ’chlann a’ deanamh bhannan, agus bha ’bhean a’ toirt greisean air deanamh sguaban. An uair a sguirinn de spealadh, thoisichinn ri ceangal, agus bhiodh e deich uairean a dh’ oidhche mu’n tiginn dhachaidh. Bhithinn air an achaidh, mar bu trice, ann an soilleireachadh an latha. Cha ’n ann a chionn mi fhin ’g a radh, rinn mi uiread a dh’ obair air an fhaoghar so ri triuir sam bith anns a’ bhaile. S—Tiugainn thun an taighe. Tha mi cinnteach gu ’m bheil an t-acras ort an deigh tighinn air an astar so. Cha bhi a’ bhean fad’ a’ deanamh gréim bìdh deiseil dhuinn. D—Cha ’n ’eil mi falamh dhe ’n acras. Agus ged nach biodh a’ bheag a dh’ acras orm ghabhainn biadh uaipe. Ma chaidh i ri ’mathair, is math is aithne dhi biadh a dheasachadh. Is tu a rinn an gnothach glic an latha ’phòs thu i. Agus, a Sheumais, is iomadh duine air an do chuir e ioghnadh gu ’n do phòs thu idir. Cha ’n fhaca mise fear eile a bha cho fad’ an aghaidh pòsaidh riut. Am bheil cuimhne agad air cho diumbach ’s a bha thu dhiomsa an uair a phòs mi? S—Thà cuimhne glé mhath air a h-uile facal a thuirt mi riut. Ach cha ’n ’eil aobhar dhutsa bhith ag ùrachadh ghnothaichean dhe’n t-seòrsa sin an dràsta. Bha mi ’san àm sin a’ smaoineachadh gu ’n rachadh agam air a’ bhàta iomradh leam fhin; ach dh’ fhairlich an gnothach orm. Tha ràmh an t-aon againn a nis, agus cumaidh Mairi a taobh fhein dhe ’n bhàta air aghart cho math ri te sam bith. Tiugainn thusa thun an taighe, agus chi thu gu ’m bheil mise ag innseadh na fìrinn. Cha ’n fhalbh thu nochd. Agus gheibh mi an corr dhe do naigheachd mu ’n tig tràth cadail. D—Cha ’n ann gu falbh a’ nochd a thainig mi. Na abair guth mur fan mi seachdain comhladh riut, a Sheumais. S—Is e do bheatha fuireach seachdain, agus na ’s fhaide, ma thogras tu. Ma dh’ fhaoidte nach do dh’ fhàg duine riamh dùthaich a bhreth ’us àrach ann an inbhe cho bochd agus cho iosal ri Domhull Mac-a-Ghobha, Morair Strathcona. Tri fichead bliadhna agus a tri air ais, beagan mhiosan mu ’n do chrùnadh a bhan-righ, dh’ fhas Domhull Mac-a-Ghobha sgith de bhith ’ruith thursan do mharsanta a bha ’deanamh gnothuich ann an siorrachd Mhoraidh, an Alba, agus chaidh e air bòrd soitheach-seolaidh a bha dol gu America. Bha an soitheach so faisg air da fhichead latha air an turus, agus rainig Domhull New York gu ’n charaid gu ’n airgiod. Ach cha do threig a mhisneach e; agus an deigh coiseachd faisg air mìle de mhiltean agus dol troimh iomadh cruaidh-chàs, fhuair e obair aig cuideachd Bagh Hudson. Thòisich e ri obair aig a chuideachd so ann an inbhe iosal, ach le dichioll, onair agus treibhdhireas dh’ obraich e suas gu bhi ’na uachdaran air a chuideachd, agus mar an ceudna ’na fhear-togail rathad-iaruinn an Canadian Pacific, ’na mhorair, agus air aon do na daoine ’us beartaiche anns an dùthaich. [TD 260] [Vol. 9. No. 34. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 22, 1901. Tha an t-ard-riaghladh a dol a thoirt bill fa chomhair na pàrlamaid air an earrach so air son tigh-cùinnidh òir us airgeid a chur suas an Canada. Gu ruige so, bha airgead air a chùinneadh do Chanada ann an Sasunn, ach cha robh òr air a chùinneadh idir. Na tha de dh’ òr a’ cuartachadh anns an dùthaich is ann de chùinneadh Bhreatunn no nan Staidean a tha e. Tha 42,511 acaire de dh’ fhearann crùin ann an siorrachd Cheap Breatunn. Tha roinn mhor dhe so co-dhiu air àiteachadh agus tha còir na muinntir a tha ’ga obrachadh a cheart cho daingeann air ’s ged nach biodhte ’ga ainmeachadh air a chrùn idir. Chuir cuideachd an iaruinn an uiridh a stigh air son na bha de dh’ fhearann crùin anns an t-siorrachd, ach cha deach a thoirt dhaibh. Tha cuid de phaipearan Halifax a togail an guth gu làidir an aghaidh mar a tha cùisean a dol air adhart anns a bhaile sin. Tha an lagh ’ga bhristeadh gach latha Sàbaid us seachdain anns na taighean-òsda ’s anns na taighean-òil, agus na maoir ’s an luchd-ceartais a faicinn a’ bhristidh lagha sin ’s gun iad a toirt oidhearp sam bith air stad a chur air. Tha an t-àm aig muinntir Halifax a bhi gluasad mur eil iad air son fas ainmeil mar shluagh air bheag cùraim mu lagh ’s mu riaghailt. BHA e air aithris am measg nan Gàidheal o shean gu ’m b’ i a’ Ghàilig a’ chainnt a bha aig ar ceud sinnsirean ann an Gàradh Edein. Faodaidh e bhith gu’n tig i fhathast gu bhi ’na cainnt dhùthchasail anns an Eiphit! Tha saighdear Gaidhealach, a tha anns an reiseamaid ris air canar na “Gàidheil Shiportach,” a sgriobhadh dhachaidh gu bheil iad gu tric a’ cumail co-sheirm Ghàilig, agus gu ’n d’ thainig àireamh mhor de na nàisinnich a dh’ ionnsuidh na ceud co-sheirm, a bha air a cumail anns an fhàsach, ’s gun do chòrd binneas cainnt nam beann riutha gu math. Cha robh ach gle bheag Beurla ri chluinntinn anns a’ champa; bha an còmhradh air a dheanamh cha mhor gu h-iomlan an Gailig ’s an Arabic. Tha na da sheann chànain so anabarrach coltach ri chéile; theid aig na Gàidheil air an Arabic ionnsachadh gun strith, agus cha’n ainneamh an ni idir na nàisinnich a chluinntinn a fàilteachadh nan saighdearan ann an Gàilig. Ann a Honolulu, ceanna-bhaile nan eileanan anns a Chuan Chiùin air ’n do ghabh na Staidean seilbh o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, bha fear-deasachaidh paipeir an la roimhe air a thilgeadh le fear-deasachaidh paipeir eile ’s iad air a dhol bhar a chéile mu ni-eigin a bha air a chlo-bhualadh ann am paipear fir dhiubh. Tha dòchas againn nach tig am fasan so a tha aig luchd nan paipearan ’san àirde ’n iar, a bhi giùlan ’sa cleachdadh arm, do’n chearna dhe’n t-saoghal anns am bheil sinn féin. THA dòchas aig muinntir nan Stàidean gu ’n tig crioch air a chogadh anns na h-Eileanan Philippeach romh cheann bliadhn’ eile. Tha iadsan a tha air an làraich dhe’n bharail gu bheil na nàisinnich a’ fàs sgith dhe’n chogadh, agus gu’m bi iad an uine ghoirid gle dheònach toirt suas. Tha an cogadh ann an Africa mu Dheas, a reir barail moran de na Breatunnaich, a dlùthachadh ris a chrich. Tha neart nam Boereach, gun teagamh sam bith, air a bhristeadh, agus an cath a tha iad a cur o chionn dha no tri mhiosan air ais cha chogadh e. Nuair a thig crioch air an da chogadh aimhealach so bidh an saoghal aig sith, agus bitheamaid an dòchas nach bristear an t-sith sin gu ceann iomadh latha ’s bliadhna. Tha daoine ann aig an àm so a tha meas nach eil bratach na h-Impireachd Bhreatunnaich air a dealbh mar bu chòir dhi a bhith, o’n tha Canada, Australia, New Zealand agus na colonies eile a’ tarruinn cho dlùth ris an dùthaich mhàthrail. Tha iad so air son bratach ùr a dheanamh air nach bi suaicheantas no comharradh sam bith ach crois Naomh Sheòrais, mar a bha air bratach Shasuinn mu’n deachaidh an rioghachd sin us Alba aonadh fo’n aon chrùn. Aig an àm sin bha crois Naoimh Andra air a cur air a bhrataich cuideachd, agus ’nuair a thainig Eirinn a stigh ris an aonadh bha cròis Naomh Pàdruig air a cur oirre comhla ri càch. Cha’n eil fhios ciod a tha ’m beachd na muinntir a tha ’g iarraidh oirnn a dhol air ais dh’ ionnsuidh an t-suaicheantais a bha aig Sasunn nuair a bha i leatha fhéin. Cha bhi a’ bhratach dad na ’s bòidhche na tha i an dràsda, agus cha bhi ni oirre a nochdas gu bheil buntainn sam bith aig Alba no aig Eirinn ri morachd agus cumhachd Bhreatunn. Tha a bhratach math gu leòr mar a tha i, agus mur eil, “’s fhearr an t-olc eòlach na an t-olc aineolach.” LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Tha an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 261] [Vol. 9. No. 34. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha luchd-riaghlaidh baile St. John, N. B., an deigh lagh a dheanamh a’ cur cain dolair air neach sam bith a thilgeas smugaid air cabhsair na sràide, air ùrlar carbad sraide no ann an àite sam bith ’sam bi sluagh a cruinneachadh an ceann a cheile. ’Se Mac-Leoid a b’ ainm do’ n bhalbhan a bha air a bhualadh leis a charbad-iaruinn anns a bhaile so air an t-seachdain s’a chaidh. Chaochail e ann an tigh-eiridinn cuideachd an iarruinn maduinn Di-haoine. Bhuineadh e do Eilean a Phrionnsa. Tha càirdean stuaime ann an Ontario ag iarraidh air riaghladh na roinne lagh a dheanamh a chuireas bacadh air reic deoch-làidir. Agus thatar a’ bruidhinn air achd pàrlamaid dhe’n t-seòrsa sin a chur fa chomhair an luchd-taghaidh air an t-samhradh s’a tighinn, agus lagh a dheanamh dheth ma bhios an àireamh is motha toileach air sin a dheanamh. Chaidh fear Ralph Marriatt a mharbhadh aig an obair iaruinn feasgar Di-luain s’a chaidh le tuiteam bhar balla-stéidh fùirneis. Bha am balla mu choig troidhean deuga dh’ àirde agus thuit esan air an rathad iaruinn. Chaidh a chur á cnaimh na h-amhach, agus bha slige chinn air a bhristeadh gu dona. Chaidh a thoirt do’n ospadal air ball, ach cha robh e beò ach beagan mhionaidean. Chaidh an eaglais ùr Chleireach ann am Bridgeport fhosgladh la na Sàbaid s’a chaidh. Bha Mr Mac-Glaisean air a chuideachadh anns na seirbhisean leis na h-Urramaich Iain Mac-Mhaoilein, D. D., á Halifacs, Iain A. Friseil, o’n Chladach a Tuath, agus D. Mac-Eanruic, á Chatham, N. B. Tha àiteachan-suidhe anns an eaglais do sheachd ceud pearsa, agus tha i ’na togalach briagha muigh ’sa stigh. Tha i air a h-ainmeachadh air an Dotair Tomas Chalmers, aon de cheannardan ainmeil Eaglais Shaor na h-Alba. Chaidh bristeadh a stigh do’n stor aig Alasdair F. Moireastan ann an Sidni Tuath an oidhche roimhe, agus bha fiach da fhichead dolair de thombaca, sigars, pioban agus bathar dhe’n t-seòrsa sin air a ghoid. Fhuair na meairlich an dorus fhosgladh le iuchair mheallta. Tha moran meairle agus droch-bheairt dhe’n t-seorsa so ’ga chur air adhart ann an Sidni Tuath o chionn àireamh mhiosan air ais, ach gu ruige so cha d’ fhuaireadh na meairlich a ghlacadh. Tha eagal air daoine gu ’n d’rinneadh call mor faisg air Newfoundland o chionn ghoirid. Chaidh roinn mhor de dh’ fhiodh briste soithich a thilgeadh air cladach eilean Bocalien a tha ’n iar-dheas air an dùthaich sin. Dh’ fhàg an soitheach-smùide ‘Lucerne’ Alba cùnntas lathaichean mu ’n tugadh fa-near do’n fhiodh bhriste so, agus ’si bharail chumanta nise gur h-i sin an soitheach a bha air a call. Bha an Lucerne air a turus gu Halfacs, agus bha i ri taghal ann an St. John’s, Newfoundland, agus an Louisburg. Bu chòir dhi St. John’s a ruigheachd o chionn còrr us seachdain, ach cha d’ rainig i ’s cha d’ fhuaireadh sgeul oirre fhathast. Bha da dhuine dheug air bòrd aice, agus ma chaidh a bristeadh tha e ro choltach gu’n deachaidh gach aon dhiubh a chall. B’e a bhòn-de Di-ciaduin na Luaithre, a cheud latha dhe’n charghus. Bidh a Chàisg ann am bliadhna air an t-seachdamh latha de dh’ April. Bidh mar sin “earrach fad air chùl càisge” againn, agus tha sean-fhacal ag radh gu’n dean earrach dhe’n t-seòrsa sin saibhlean nan tuathanach fhàsachadh. Thachair sgiorradh uamhasach deireadh na seachdain s’a chaidh ann am mèinn ghuail air eilean Vancouver. Bha spraidheadh anns a mheinn a chur ’na teine i, agus bha tri fichead us coig de na mèinneadairean air an dùnadh a stigh leis na lasraichean, ’s air an losgadh no air am mùchadh gu bàs. Tha e air innse dhuinn gu ’n do shuidhich dlùth air tri fichead us coig mile de luchd-imrich á dùthchannan eile ann an Canada air a’ bhliadhna 1900. Cha ’n eil cùnntas againn air an àireamh a dh’ fhàg an dùthaich anns an ùine sin, ach tha fhios nach d’ fhalbh uiread ’sa dh’ fhalbh bliadhnaichean roimhe. Chaochail fear Uisdean Caimbeal, a mhuinntir Rudha Ghillios, C. B., anns an ospadal an New Glasgow, Di-luain s’a chaidh. Chaidh a ghoirteachadh air an rathad-iaruinn aig Ferrona, agus b’fheudar te dhe chasan a ghearradh dheth; cha d’ rinn eadhon sin a bheatha shàbhaladh; dh’ aobharaich an leònadh a fhuair e a bhàs. Aig taghadh bàillidh us comhairle baile Antigonish air a choigeamh latha dhe’n mhios so, fhuair an dithis a bha ruith air son na bàillidheachd an aon chùnntas bhotaichean—ceud us naodh deug. Ann an càs mar sin bha aig bàillidh na bliadhna ’n uiridh ri bhòt a thoirt do ’n fhear de’n dithis a b’ àil leis an dreuchd fhaotainn. Diluain s’a chaidh, thug Mr. P. S. Floyd, a bha ’sa chathair riaghlaidh an uiridh, a bhot do W. P. Cunningham, agus tha esan mar sin air a thaghadh. Chaochail Cailean Siosal, am fear-lagha, maduinn Di-haoine s’a chaidh, an deigh fulang le tinneas trom fad àireamh mhiosan. Gus o chionn beagan sheachdainean romh bhàs bha dùil ri e dhol am feobhas, ach a dh’ aindeoin sgil nan lighichean thromaich a thinneas air. Bha e leth-cheud us aon bhliadhna dh’ aois. Rugadh e aig Long Point an siorrachd Inbhirnis agus fhuair e fhoghlum ’san lagh ann an Sidni ’s ann a Halifacs. An deigh dha bhi ullamh ionnsachaidh, chaidh e an cuideachd ri E. T. Moseley nach maireann an 1879, an deigh sin comhla ri Murray Dodd, a tha nise ’na bhreitheamh, agus an deigh sin gu àm a bhàis comhla ri Ualter Crowe. Fhuair e bhi na fhear-lagha Crùin ann an 1892. Bhe e na bhall de phàrlamaid Nobha Scotia fad cheithir bliadhna, o 1886 gu 1890, agus bha e na chléireach do shiorrachd Cheap Breatunn bho 1883 gu 1887. Bha e ’na dhuine air an robh mor mheas anns gach àite ’n robh éòlas air, agus bidh ionndrainn mhor air anns a’ bhaile so. Dh’fhàg e bantrach agus sianar chloinne. Bha e air a thiodhlacadh Di-dònaich an cladh na h-Eaglais Chaitlicich. Bha an t-Urr. D. M. Mac-Eamuinn, sagart paraiste Shidni an ceann na seirbheis, air a chuideachadh leis na h-Urramaich, R. Domhnullach, Bridgeport, Kiely, Sidni Tuath, Mac Fhionghain, Sydney Mines, agus Mac-Isaic, Sidni. Bha sluagh mor a làthair, cuid dhiubh as gach cearna dhe’n t-siorrachd, Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228 Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN Airson Sanas bho KELLY & DODGE, Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B. Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de BHIADH BHEOTHAICHEAN, tha na tha againn ’nan deagh chunnradh. Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1.30 am poca. Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd. Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann. Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4.00 againn fhathast. Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. F. & J. MORLEY. [TD 262] [Vol. 9. No. 34. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXX. Chuir am Prionnsa agus an sgioba an cairtealan suas an òidhche sin ann am bà-theach salach a bhuineadh do dh’fhear Sgorabreac a bha ma dhà mhìle dh’uidhe bho’n àit anns an tàinig iad air tìr. Moch sa’ mhadainn thog am Prionnsa agus Calum Mac-Leòid orra ’nan dithis gu triall, agus phill am bàt’ air a h-ais do Rasaidh. ’Nuair a dhirich iad a’ bhruthach dh’ fharraid Calum de’n Phrionnsa c’àite robh mhiann air a dhol. “A Chalum,” ars am Prionnsa gu dùrachdach, “tha mi g’ am earbsa féin gu h-iomlan riutsa, treòraich mi gu criochan Shrath Mhic-Ionmhuinn.” Thuirt Calum Mac-Leòid, gum bu chunnardach a dhol air sgàth chrìochan Mhic-Ionmhuinn, a thaobh am fearann sin a bhi air a chuartachadh le luchd-tòrachd, a chionn Mac-Ionmhuinn agus a dhaoine bhi cogadh na aobhar féin. An sin thuirt am Prionns, “Tha thu faicinn a Chalum, nach urrainn sinn dad sam bith a dheanamh dràsta gun chunnard; feumaidh tu féin a nise bhi mar am maighistear, agus seasaidhmi-fhìn agad an àite gille.” Do réir sin ghabh am Prionns’ an poc anns an robh an cuid aodaich a’s anaird air a dhronnaig, agus dh’iarr e air Calum Mac-Leòid imeachd air thoiseach air mar dhuin’ uasal, agus choisich e féin mar ghille màlaid as a dheigh. Thog iad orra mar so gu Srath-Mhic-Ionmhuinn a’ bha ma cheithir mìle fichead dheth an tomhas mhòr Ghàelach uapa, gun rathad mòr sam bith ga ionnsaidh ach gabhail tarsuinn thar bheann a’s ghleann. Air dhaibh a bhi treun choiseachd ’nan dithis gun seachnadh air garbhlach no còmhnard, thuirt am Prionnsa ri Calum nach robh eagal sam bith air gu ’m b’urrainn pàirtidh de’n arm Ghallda breith air, na’m be is nach tigeadh iad ann an imisg urchair gunna dha, ged nach robh e cho ro cinnteach as a chasan nan tigeadh pàirtidh dheth an fhreiceadan Ghàelach nan caramh. Dh’ fharaid Calum ria ciod a dheanamh iad ’nan tachradh cuid dheth an luchd-tòireachd riu mu’n ruigeadh iad an Srath. “Ciod ach cruaidh chòmhrag,” ars am Prionnsa. “Seadh, se sin féin a dheanamaid,” arsa Calum Mac-Leòid, “mar a biodh ann dhiu ach ceathrar dh’ fheuchainn féin ri dithis dhiu chuir ri talamh.” “Ma ta,” arsa Tearlach, “ghabhainnse os-laimh an gnothach a dheanamh ris an dithis eile.” Mar bha iad a ghabhal na slighe bha iad a’ deanamh an uile dhìcheall chum cumail a fradharc nan taighean, ach bha fear an dràsta ’sa’ rithist de mhuinntir na dùthcha tachairt orra. Air dhaibh a thighinn gu glacag uaigneach, thainig fainear do Thearlach, gun robh an siste-cot a bha uime air a dheanamh de bhreacan grinn sgàrlaid, le putanan air am fighe le toinntean òir, tuilleadh as finealt air son gille màileid, uime sin thug e a shiste-cot do Chalum Mac Leòid air son fhir féin. ’Nuair a bha e cuir uime siste-cota Mhic-Leòid, labhair e mar so:—“Tha làn dòchas agam a Chalum gun toir mi dhut siste-cota mòran na’s fearr na’m fear sin fathast, air son an fhir so.” An deigh dhaibh ceithir mìle fichead a choiseachd, ràinig iad ma bhial an latha Eallagol fagus do Chille-ma-Righe ann an Srath Mhic-Ionmhuinn, far na tharladh dhaibh tachairt ri dithis de Chlann Ionmhuinn a bha cogadh fo bhrataich Thearlach féin ann an Cuil-fhodair; bheachdaich na daoine gu geur air a’ Phrionns’ anns an aghaidh, agus ged a bha mhàileid air a dhruinn agus neapaig dhubh shioda air a suaineadh m’a cheann, mar chite air duine tinn, (bha so air a’ chum a chur ás aithne) dh’ aithnich na daoine e air ball, agus cha b’ urrainn, iad am bròn a chumail orra féin n’a b’fhaide, ach ghlaodh iad a’ bualadh nam bàs; thuirt Calum Mac-Leòid, iad an dosgainn a chumail orra féin, gum bu docha lethid sin a dhol a mach am Prionnsa’ bhrath dha nàimhdean, no math a dheanamh dha, air an aobhar sin thug e orra boideachadh air a bhiodaig nach innseadh iad do neach sam bith gum fac’ iad am Prionnsa. Bha iad a nise dlù do thaigh Mhic-Ionmhuinn an t-Sratha, agus dh’ fharraid Calum Mac-Leòid de Thearlach an robh e air son Mac-Ionmhuinn fhaicinn, thuirt am Prionnsa nach robh anns a’ cheart àm, gum b’fhearr leis a dhol a dh’ ionnsaidh taigh duine chòir sam bith eile mu’n àite. Shonraich Mac-Leòid an sin gun rachadh am Prionnsa dh’ ionnsaidh taigh peathar dha féin, a bha posda ri Mr Iain Mac-Ionmhuinn duin’ uasal tapaidh de theaghlach an t-Sratha a bha na chaptain air Clann-Ionmhuinn ann an cogadh Thearlaich, bho chiad thoiseachadh gu latha Chuil-Fhodair. Ràinig Calum an sin taigh a pheathar a fagail a Phrionns’ air cùl cnuic, gus am faiceadh e co bha steach, no ciod an fhàilte a gheibheadh e. Thuirt a’ phiuthar ri Calum nach d’ rinn fear-an-taige ach a dhol a mach o cheann ghoirid agus gum biodh e steach an ceart uair. Thuirt Calum an sin gu ’n robh e air son òidhche no dha a chuir seachad ’na taigh, na ’n saoileadh i nach robh saighdearan dearga sa’ cheart àm air sgàth an àite. Thuirt a phiuthar ris gum biodh e làn thearuinnt ùapa sin. “O’n a tha thu saoilsinn sin,” arsa Calum, “fanaidh mi, ach tha fear eile maille rium, gille bochd tinn da’n ainm Luthais Caw, air na chuir mi muinntearas le eirceas chum mo mhàileid a ghiulan.” Dh’iarr a phiuthar air an gille thoirt a steach gus an nochdadh i gach AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 263] [Vol. 9. No. 34. p. 7] caoimhneas ri an-shocair. ’Nuair a thainig am Prionnsa staigh thuirt bean-an-taighe.” “O, an gille bochd, tha truas agam ris—tha mo chridhe blathachadh ri fear a choltais.” Air ball chuir i sios biadh do na falbhanaich, ach rinn Tearlach suidhe gu diùid greis air falbh bho’n bhòrd, ag ithe dheth na bhiadh bu shuaraich’ a a bh’ air a clàr. Air faicinn sin do Chalum dh’ iarr e air gun a bhi cho saidealta, e theannadh a staigh ris a bhòrd agus a bhiadh a ghabhail gu sgairteal. Thuirt am Prionnsa gu ’m b’aithne dha oilean n’a b’ fhearr na toiseachadh comh-ith ri mhaighistear; ach le mòran faraich shuidh Tearlach dlù do’n chlàr. ’Nuair a ghabh iad am biadh thainig a bhean-mhuinntir le uisge blàth agus nìgh i casan Chalum, an deigh dh’i sin a dheanamh dh’ iarr Calum oirre casan a’ ghille ghlanadh mar an cianda a thaobh nach robh e gu math ’na shlàinte—“Ma ta,” ars a bhean-mhuinntir “cha ghlan mi gu dearbha; cha bu leamh ach sin, mac na cailliche Gallda, nigheadh e-féin a chasan.” Fa-dheòigh thug bean-an-taighe oirre toiseachadh air casan a’ Phrionns’ ionnlad, ach shuath i iad cho cruaidh an aghaidh an cuilg, air chor is gu ’m b’ eigin da iarraidh air Calum ann am Beurla e radh ridhe deanamh air a socair. An deigh sin chaidh an dà aoidh a laidhe, agus chaidh bean-an-taighe chumail freiceadain air cnoc gu faireachadh a thoirt daibh na’m faiceadh i cunnard a’ dluthachadh. Chaidil am Prionnsa gu ’n dùsgadh m’a dhà uair, agus Calum beagan n’a b’ fhaide. ’Nuair a bha iad le chéile an deigh cuir umpa chual iad gu’n robh fear-an taighe a’ tighinn, agus chaidh Calum Mac-Leoid ’na chòdhail a dh’innse dha co bha steach air a chinn. Ré a chuid eile de’n latha bha iad féin agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn (fear-an-taighe) a’ cuir an comhairle cuideachd, mu seòl a dheanamh air a’ Phrionns’ aiseag gu tìr-mòr. Fa-dheòigh chaidh Mr Iain Mac-Ionmhuinn far an robh triath na dùthcha, Mac-Ionmhuinn an t-Sratha. A cheart cho luath sa’ chuala an duin’ uasal sin am Prionnsa bhi air ’fhonn agus an geall air fhàgail, air ball chuir e eithir beag gleusta bhuinneadh dha féin fo làn sgioba chum na crìche sin, agus thuirt e gu ’n rachadh e-fèin ga fhaicinn sàbhailt air taobh thall a’ chaoil. Mu ’n deach iad do’n bhàta, chòimhdaich baintighearna Mhic-Ionmhuinn, bòrd ann an uamhaig air a’ chladach agus ghabh i-féin agus a fear, Calum Mac-Leoid, am Prionnsa, agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn an dinnear de dh’ fheòil fhuair a’s de dh-aran le pailteas fiona. Shònraich iad an sin gu ’m biodh am Prionnsa air aiseag thun na mòr-thìr le Mac-Ionmhuinn, an t-Srath’ agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn, agus gu ’m pilleadh Calum Mac-Leòid dhachaigh, mu’n rachadh ionndrann o’n bhaile, ni a dhùisgeadh amharas an luchd-freiceadain a bh’ air feagh na dùthcha. B’ann m’a ochd uairean de’n òidhche a chaidh am Prionns’ agus a’ phàirtidh do ’n bhàta. Air a’ cheart àm thainig dà long-chogaidh san t-shealladh, agus a réir coltais a’ seòladh an coinneamh a bhàta. ’Nuair a bha ’m bàta dusan àlach bho thìr, ghlaodh Calum Mac-Leòid ri Tearlach e dh’ fhantainn gu madainn, gus an seòladh an luingheas air falbh dhe an eirthir. Thuirt Tearlach nach fanadh, gu ’n rachadh e air aghaidh le dòchas gu ’m biodh a ghaoth féin cho caoimhneil ris ’s bu ghnà lea, leis an luinngeas a sguabadh dheth an fhearann gu tur. An deigh sin thog iad na siùil agus chùm iad a cùrsa air Cnòideart, agus shuidh Calum Mac-Leoid air cnoc, agus cha tug e shùil bharr na linne cho fad sa dh’ fhan am bàt anns an robh a’ Phrionnsa gràidh ’na fhradharc. Ann an ceann deich latha an déigh do Chalum Mac-Leòid dealachadh ris a’ Phrionnsa chaidh a ghlacadh agus a chuir air bòrd luinge a rinn a ghiulan gu ruige Lunnainn. Fhuair e fein agus Fionnaghal Nic-Dhomhnuill fa-sgaoil m’an aon àm, agus thainig iad dhachaigh comhladh ann an carbad. Iadsan a Phaigh. D. Mac-Cuithein, Beinn-a-Bhaola, Assa. Bean Fhearchair Bheutoin, Gordon, Assa. Tormad P. Mac-Leoid, Steornabhagh, Que. Iain Greumach, Galson, Steornabhagh, Que. Ian Stiubhart, Vancouver, B. C. Bean Alasdair Rois, Somerset, Mass. R. H. Mac-Leoid, Boston, Mass. An t-Urr. D. Healy, Sedolia, Mo. Domhull Domhnullach, Gowanda, N. Y. Iain Mac-Fhearghais, Camp Bird, Colo. Martuinn Mac-a-Phearsain, Cleona, Cala. Iain D. Mac-Gilleain, Avalon, Cala. I. S. Ros, Caspar, Cala. Aonghas Gillios, Sappho, Cala. Domhull Domhnullach, Thomastown, Conn R. D. Mac-Leoid, Fargo, N. Dak. L. T. Hamilton, Fargo, N. Dak. Bean A. Chaimbeal, na h-Earradh, Alba. Calum Buchanan, Kaurihohori, N. Zealand A. H. Caimbeal, Waipu, N. Zealand Coinneach Domhnullach, Kamo, N. Zealand N. Mac-Neill, (eildear), Walker’s P. O., Ont Alasdair Mann, Acton, Ont. Domhull Mac Gille-mhaoil, Priceville, Ont. Dughall Mac Gilleain, Priceville, Ont. W. R. Mac Rath, Kingston, Ont. Domhull B. Mac Aoidh, Southampton, Ont. Aonghas Mac-a-Ghobha, Wiarton, Ont. Barbara C. Nic Dhunleibhe, Lafontain, Ont. D. I. Mac Dhomhnuill, Greenfield, Ont. Uisdean Mac Fhionghain, Crawford, Ont. An t-Urr. Isaic Domhnullach, Glencoe, Ont. D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I. Alasdair Beuton, Flat River, E. P. I. D. D. Mac Gilleain, High Bank, E. P. I. S. M. Martuinn, Heatherdale, E. P. I. Murcha Mac Laomuin, Bail’-an-Tobair E. P. I. Aonghas Brus, Grand View, E. P. I. Uilleam Mac Dhuibhi, Forest Hill, E. P. I. Seonaid Nic Phail, Summerside, E. P. I. Bean Chaluim Bhell, Bell River, E. P. I. Alasdair Beuton, Beaton’s Mills, E. P. I. S. A. Mac Ille-mhaoil, na h-Eileanan Coille. Cha cheadaich an clòdhadair dhuinn an còrr ainmean a chur anns a phaipear air an turus so; ach phàigh àireamh mhor a bharrachd orra so, agus bidh an ainmean air an toirt seachad air an ath sheachdain. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid. Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 264] [Vol. 9. No. 34. p. 8] Oran Do Dhonnachadh Bàn Caimbeul, Tighearna Loch-nan-Eala. LE SEUMAS MAC-GILLESHEATHANAICH. Gu ma beairteach, sean, buadhmhor, An t-òg uasal gun mheang; Chaidh mi ’shealltainn Di-luain ort, ’S b’ fhaoilidh ’fhuair mi do chainnt; Sàr cheannard an t-sluaigh thu Ga ’n cur suas ann an camp; ’S ann dhuit bu dùthchas an cruadal An àm bualadh nan lann. ’S e mo rùn an t-òg sgiobalt’ Dha ’n dig biodag ghlan, ùir, Agus paidhir mhath phiostal Mar-ri crios nam ball dlùth, ’S claidheabh caol nan tri faobhar Air do thaobh ’chosnadh cliù. ’S tu ’n leoghann armailteach, curant’ ’Bhùidhneadh urram ’s gach cùis. ’S ann ad cheann a bha mhisneach, ’S ann ad chridhe ’bha ’n reachd; ’S ann ad shùil a bha ’n léirsinn, ’S ann ad bheul a bha ’n smachd, Ri àm cruadail no feuma ’S ann ort a dh’ éireadh an gart; ’S beag an t-ionghnadh leinn féin sud, ’S iomhaigh tréin ort le tlachd. Marcaich’ sunndach nan seang each, A b’ aotrom, eangarra leum, Crùidheach, aigeannach, meanmnach, A b’ fhior mhearachdasach ceum. Nuair bhiodh càch a dol tharta, ’S iad le gealtachd gun fheum, Dh’ fhanadh tus’ ann ad dhiollaid Air thùs chiad a cur réis. Mac an athar ’bha cliùiteach, ’S a bha fiughantach, fial, An àm seasamh na cùrtach ’Bhùidhneadh cùis am measg chiad; Uasal, iriseal, bàigheil, Sud a b’ àbhaist da riamh; Ursann-chatha nan Gàidheal Anns gach àite ga ’n dion. Guidheam buaidh agus piseach Air an t-sliochd ’tha na ’dheigh; Saoghal fad an deagh onair, Agus sonas d’a réir Air oighr’ òg Loch-nan-Eala, Nach toill sgainneal no beum, ’S t’ aghaidh aobhach is t’ àilleachd A toirt bàrr air a chéil. ’S mor an onair dha d’ dhùthaich, ’S mor an cliu dha d’ chuid tuath, Fhad ’s a dh’ fhuir’eas tu aca ’Bhith ga t’ fhaicinn cor uair, Nuair a théid thu do Shasunn Thu thigh’nn dachaidh le buaidh, ’S gun do leithid ri ’fhaotuinn Air aon taobh dhinn mu ’n cuairt. Gun do leithid ri fhaotuinn, Ann an aobhachd no ’n dreach, Thall no bhos mu na caoiltean; Bu tu ’n laoch ’dhol am mach. ’S beag an t-ioghnadh gu cinnteach Thu bhi rioghail a’ d’ bheachd, ’S gur a h-ogh’ thu do Dhùghall ’Bhùidhneadh cùis an am feachd. An àm cogaidh no sio-chainnt, An àm strìthe no mòid, Gur a h-iomadh fear ullamh ’Bhiodh le ghunn’ ann ad chòir. Nuair a ghlaodhteadh lann thana, Bu ghrad i ’n tarruinn ’s gach dòrn; ’S ann le cruadal do ghaisgich ’Chluinnteadh sracadh air feòil. ’S nearachd baintighearna pheucach ’Gheibh bhuait spéis mar mhnaoi phòsd’, Is gach buaidh ’th’ ort mar threun-fhear, ’S gach bith ’tha ’g éirigh mu d’ shròin Eadar bràighe Loch-Eit’, Do theaghlach fhéin, ’s Loch-an-Eoin. Dhuit bu dùthchas an Eala, ’S i bho shean ann ad chòir. Calpa cruinn ann an osan, Troigh nach dochainn am mang, Ceum brisg aotrom neo-thuisleach, Beul nan sgudalach cainnt. Sùil a’s aobhaiche sealladh Fo chaol mhala gun sgraing, Is gruaidh dhearg mar an caorann Air bhàrr aotrom nan crann. Bha thu àrdanach, beachdail, Rioghail, reachdmhor gun taing, Seasmhach, cinnteach ri t’ fhacal Ged nach glacadh tu peann. ’S mor an uaisle ’s an t-urram ’Tha air tuineadh ad chom; ’S àrd a chraobh as an d’ fhàs thù, ’S gur a làidir a bonn. Sin a’ chraobh a’s mor onair, ’S lionmhor sonas is buaidh, ’Chraobh a’s seasmhaiche duilleach, A’s bòidhche cum’ agus snuadh. Tha slat am bliadhna na ’mullach A’s làidir fulang ri fuachd, ’S a bàrr air lùbadh le ùbhlan, ’S cha b’ e ’n sùgradh am buain. Na faiceam t’ fhearann gun oighre, Na do bhaintighearn’ ri bròn. Tha gach duin’ ann an gaol ort Le miad t’ aoigh ’s tu cho òg. Biodh do mhac ann ad dheoghainn Gabhail liubhairt ’sa chòir; Fear an ionad an athar, ’S gach aon rathail ri ’bheo. Ach cha ’n urrainn mi innseadh, Na tha ’m inntinn ga d’ réir, ’H-uile buaidh a tha ’fàs ort Ann an àbhachd ’s an céill. Tha gach ni ’tha ri ’inns’ ort, Sin an fhirinn gun bhréig, Mar chléiteig shneachda ri gaillinn ’Tigh’nn o anail nan speur. Dhia, Gleidh an Righ! LEIS AN URR. DR. NEACAL MAC-NEILL, LUNNUINN. Dhia, gléidh an sluagh le d’ ghràs! An rìgheachd as gach càs! Dhia, gléidh an Rìgh! Biodhmaid a ghnàth fo d’ làimh Le buaidh os ceann gach nàimh, ’N ad ghràdhsa faotainn sàimh! Dhia, gléidh an Rìgh! A Thighearna, Dhia na glòir, Dean air gach dìblidh fòir Is gléidh an Rìgh! Cum e le d’ ghàirdean caomh, Roinn ceartas air gach taobh: Dìon oighreachd bhochd do naomh! Dhia, gléidh an Rìgh! Ar sùil tha Riutsa suas: Seall air ar cor le truas; Is gléidh an Rìgh! Cuir cuibhreach uile mu sgaoil! Tog sinn á slochd an t-saogh’il! A steach do thir a’ ghaoil; Dhia, gléidh an Rìgh! Bas. —Ann an Auckland, New Zealand, air an treas latha dhe ’n bhliadhn’ ùir, Domhull Ros, tri fichead us ochd bliadhna dh’ aois. —Beagan lathaichean an deigh sin, anns an àite cheudna, Caiptean Alasdair Mac-Griogair, tri fichead us da bhliadhn’ deug a dh’ aois. —Ann a Waipu, New Zealand, o chionn tri miosan air ais, Bantrach Neill Chaimbeul, ceithir fichead us aon bhliadhna dh’ aois. Thainig i á St. Ann’s anns a Ghertrude. —Aig a dachaidh ann an Gleann Ainslie, C. B., air an naodhamh latha dhe ’n mhios so, Floiri Nic Nèill, an deigh moran tinneis. Dh’ fhag i a màthair, bràthair agus dithis pheathraichean a’ caoidh an call. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar tha do Shuilean? Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [TD 265] [Vol. 9. No. 35. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 1, 1901. No. 35. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XIII. OIDHCH’ AN REITICH. BHA ’N oidhche gu math dorcha, ach bha i tioram. Thug na fir dlùth air tri uairean an uaireadair air deanamh an astair. Bha cuid dhe’n rathad glé bhog, salach, agus bha cuid eile dheth anns an robh fraoch garbh a ruigeadh suas air na glùinean dhaibh. Agus a bharrachd air sin, bha glinn aca ri ’n tearnadh agus monaidhean ri ’n dìreadh. Ach mu dheireadh ràinig iad taigh Eoghainn Bhàin gu sabhailte. Bha iad sgìth gu leòr, agus bha iad salach thun nan glùinean. An uair a ràinig iad, bha sianar no seachdnar dhe na coimhearsnaich ’s dhe na càirdean bu dlùithe a bh’ aig Eoghainn Bàn a staigh rompa, agus iad ’nan suidhe mu thimchioll an teine. A bharrachd air so, bha bana-choimhearsnaich agus nigheanan òga, bòidheach, banail anns a’ chuideachd. Chuir iad uile fàilte air a chéile gu cridheil, faoilidh, caoimhneil mar bu chòir do chairdean ’s do luchd-eolais a dheanamh. An uair a chuir na fir a thainig thar a’ mhonaidh stocainnean tiorma umpa, thòisich na mnathan ri cur a’ bhìdh air a’ bhòrd, agus ri deasachadh na cuid sin dhe ’n bhiadh nach robh deasaichte roimhe. Aig a’ cheart àm bha na fir a’ smocadh, agus a’ comhradh ri ’chéile mu thimchioll gach ni a b’ annasaiche na chéile a bha tachairt anns an dùthaich. Bha Aonghas trom gu leòr air a’ phiob, agus ghabhadh e glaine uisge-bheatha mar a ghabhadh iomadach fear a bharrachd air; ach cha ’n fhacas riamh air mhisg e. Bha e na bu mhò meas air fhein na gu ’n deanadh e amadan dheth fhein le misg no le cleachdadh suarach sam bith eile. An uair a bhiodh e aig réiteach no aig pòsadh, ghabhadh e na thigeadh ris dhe gach ni math a cuirteadh ’na thairgse. An oidhch’ ud, bha aige ri gnothach cudthromach a ghabhail os laimh—bha e an déigh gealltainn dh’ a charaid, an uair a bha e air an rathad gu ruige Cul-Fraoin gu ’n iarraidh e Mor nighean Eoghainn dha, agus gu’m biodh e ’na fhleasgach-pòsaidh aige. Thug so air a bhith gu math na b’ fhaicliche na b’ abhaist dha. An uair a bha na fir eile a’ comhradh aig an teine, bha esan anns a’ chùltaigh gu trang a’ cur an uisge-bheatha ann am botuil; oir, mar an caraid bu dlùithe do dh’ Iain Camaran, bha aige ri bhith riarachadh an uisge-bheatha an oidhch’ ud. An uair a bha gach ni air a’ bhòrd, thugadh air na fir a dhol thun a’ bhìdh. Agus tha e air aithris gu ’n robh bòrd air am beulaobh cho pailt ann am biadh dhe gach seòrsa ’s a b’urrainn duine fhaicinn ann an taigh sam bith dhe ’n t-seorsa aig an àm ud. Bha Eoghainn Bàn ’na thuathanach cho math air a dhòigh, agus cho measail ’sa bh’ anns an dùthaich ri ’linn. Bha crodh is eich is caoraich aige; agus bha bean ghlic, dhòigheil aige a bheireadh an aire mhath do gach ni a bhuineadh dha. Bha Mor—an aon ghineil a bh’ aige—air nighinn cho ciùin, cho glic, cho bànail, agus cho deanadach ri te sam bith. Bu nighean mar a mhàthair i anns gach dòigh. Dh’ aithnicheadh duine sam bith a chitheadh cur an taighe an oidhch’ ud, agus gu sònraichte am bòrd mòr, maiseach a bha fa chomhair na muinntir a bha ’nan suidhe timchioll air, gu ’n robh taghadh nam mnathan taighe a’ cur gach ni an ordugh. Bha ’m bòrd air a chomhdachadh le lìon-aodach grinn, geal a shniomh bean Eoghainn dhe ’n lìon a dh’ fhàs air an fhearann aca fhein. Bha aran eorna is coirce air a’ bhòrd; bha ìm is càise gu leòr air; bha feòil is iasg is sithionn ann am pailteas air; agus bha botul luma làn uisge-bheath’ air. Ged a bha fhios aig gach aon a bh’ anns an taigh air an aobhar air son an robh iad cruinn, cha robh aon seach aon dhiubh a leigeadh air gu’n robh fios sam bith aige air. B’ e so cleachdadh an àite aig an àm ud, agus cha ’n fhaodadh iad dealachadh ris. Bha bean an taighe aig a ceann fhein dhe ’n bhòrd, agus bu mhath a b’ aithne dhi a gnothach a dheanamh ann an àite sam bith anns am bitheadh i. Bha fear an taighe aig a cheann eile dhe ’n bhòrd. Agus bha na daoine a fhuair cuireadh thun an réitich ’nan suidhe air gach taobh dhe’n bhòrd—cairdean fir an taighe air an dàrna taobh, agus Iain Camaran, agus na fir a thainig comhladh ris, ’nan suidhe air an taobh eile. Am beagan bhoirionnach a bha làthair, cha robh iad ’nan suidhe aig a’ bhòrd idir. Cha robh àite aca aig a’ bhòrd; agus ged a bhitheadh, cha robh e mar chleachdadh anns an àm ud—anns a’ chearn ud dhe’n duthaich co dhiubh—a bhith ’cur bhoirionnach ’nan suidhe aig bòrd rèitich. B’e dleasdanas nam boirionnach, air a’ leithid sid a dh’ oidhche, a bhith ’frithealadh do’n mhuinntir a bhiodh ’nan suidhe mu ’n bhòrd. Cha robh eadhoin Mor—an nighean òg a chaidh Iain Camaran a dh’ iarraidh—’na suidhe aig a’ bhòrd aig toiseach na cuirme. Cha robh i eadhoin anns an t-seomar; ach bha i ann an àite anns an cluinneadh i a h-uile facal a theireadh an fheadhainn a bh’ aig a’ bhòrd. An uair a rinn fear an taighe an t-altachadh, thuirt bean an taighe, “Thugaibhse, ’Aonghais, o’n is sibh a thàinig air an astar a ’s fhaide, dhuinn deur beag dhe na bheil anns a’ bhotul sin air bhur beulaobh. O ’n is sibh fhein a thug do ’n taigh e, tha e ro iomchuidh gu ’n cuireadh sibh ann an tairgse na cuideachd e.” Dh’ éirich Aonghas ’na sheasamh, agus labhair e mar so:—“Mu’n gabh mise comhairle bean an taighe, feumaidh mi bruidhinn air mo shon fhein, agus air son nan daoine a thàinig air an astar so maille rium. Thainig sinn air astar fada an so a’ nochd, mar a tha fhios agaibh gu léir, agus faodaidh sibh a bhith cinnteach nach b’ ann gun ghnothach a thàinig sinn. Is e ceann ar gnothaich, ma ta, so:—Tha mo charaid còir, Iain Camaran, a’ miannachadh gu làidir greim fhaotainn le còir ’s le ceart, agus le òrdugh na cléire, air nighean fir an taighe, air dha a bhith ’creidsinn gu ’n dean i bean mhath dhleasdanach dha, ma gheibh e i. Ach ged is e Iain fhein mòran ás eòlaiche oirre fhein agus air a pàrantan na mise, tha e ’nochd cho diùid ’s nach leig an nàire leis a h-iarraidh. Tha Iain ann an so mu ’r coinneamh, agus tha gach cron a th’ air ri fhaicinn. Is gann a ruigeas mise leas innseadh dhuibh, gu ’n d’ thàinig e o dhaoine còire, measail, cliùiteach. Tha e fhein fo mheas agus fo dheadh ainm aig na h-uile a chuir eòlas air. Tha taigh math is fearann aige; agus tha crodh is eich is caoraich aige. Cha rachainn an urras nach ’eil deannan math airgid aige. Rud a’s fhear na so gu léir, tha e fhein ’na dhuine glic, tuigseach, fiosrach, modhail, ciùin, sìobhalta. Theid mi an urras nach bi an t aithreachas a’s lugha air an nighinn òig air son a phòsadh. Tha mise nis, ann an ainm, agus le òrdugh Iain, ag iarraidh fios, mu ’n blais mi air biadh no deoch fo na cabair so, co dhuibh a bheir no nach tabhair sibhse, ’Eoghainn, Mòr bhur nighean do dh’ Iain ri ’pòsadh.” An uair a shuidh Aonghas, dh’ éirich am fear a bha ’na shuidhe aig deas laimh fir an taighe, agus thuirt e:—“Mar an caraid a’s dluithe do dh’ fhear an taighe ’s a’ chuideachd so, is e mo dhleasdanas-sa beagan a radh aig an àm so. Tha mi ’creidsinn gu ’m bheil a h-uile facal a thuirt an t-òganach a labhair mu Iain Camaran fìor gu leor, agus an corr, ged a theireadh e e. Is fhad’ o’n a b’ aithne dhuinn e fhein agus an teaghlach còir, measail o’n d’ thàinig e. Ach math ’s mar a tha e anns gach dòigh, cha ’n ’eil Mor nighean Eoghainn bonn air dheireadh air. Tha eòlas agamsa oirre o’n a rugadh i. Bha, agus tha, i ’na h-ighinn bhanail, chiùin, mheasail, cliùitich. Is aithne dhi gach obair a dheanamh anns am feum bean tuathanaich a làmh a chur. Biathaidh i laoigh, agus ni i ìm is caise cho math ri nighean tuathanaich a th’ anns an dùthaich gu léir. Cha ’n aithne dhomhsa té eile, ge mòr am facal e, a bheir barr oirre air chùl siosair is snathaid; agus cha ’n ann air calanas dad is miosa i. Agus a thaobh deasachadh bìdh, foghnaidh dhuinn amharc air a’ bhòrd a th’ air ar beulaobh, agus chi sinn le ar sùilean gur aithne dhi a gnothach a dheanamh gu math ’s gu ro mhath. Theid mi an urras nach leig i am bochd, no am feumach, no an diol-deirce air falbh falamh o a dorus. Ma gheibh Iain Camaran greim oirre, theid mi an urras nach bi aithreachas ri ’bheò air air son a pòsadh. Ma bheir i fhein ’s a parantan an aonta seachad, bidh sinne, tha mi ’creidsinn, riaraichte gu leòr leis a’ chuis.” Thuirt Eoghainn Bàn agus a bhean a beul a cheile, gu ’n robh iadsan deònach gu leòr Mòr a thoirt do dh’ Iain Camaran ri ’pòsadh, ma bha i fhein deònach gabhail leis. Gun tuilleadh dàlach dh’ iarraibh Mor a steach do ’n t-seomar, agus an uair a chuireadh a cheisd rithe, thuirt i gu ’n robh i deònach gu leòr. An sin rug Iain is Mor air laimh air a chéile ann am fianuis na cuideachd, mar chomharradh gu ’n robh iad deònach a cheile ’phòsadh, An sin chuireadh Mor ’na suidhe mu choinneamh Iain aig taobh [TD 266] [Vol. 9. No. 35. p. 2] eile ’bhùird. Thug Aonghas lamh air a’ bhotul a bh’ air a bheulaobh, agus chuir e drama ann an tairgse gach aon a bh’ aig a’ bhord, agus ann an tairgse gach neach eile a bha ’s an taigh. Ghabh iad na thàinig riutha dhe ’n phailteas bìdh a bh’ air am beulaobh. Chuir iad an oidhche seachad gu cridheil, càirdeil leis gach spòrs agus cur seachad ùine neochiontach a bha dligheach dhaibh a chleachdadh aig a leithid de chomhdhail. Agus ged a chuireadh an t-uisge beatha ’nan tairgse gu math tric mu ’n d’ thàinig a’ mhadainn, bha iad cho stuama ’nan gluasad ’s ’nan coltas anns a’ mhadainn ’s ged nach òladh iad deur. (Ri leantuinn). An Gille Carach Mac na Bantraich. (Seann Sgeulachd). (Air a leantuinn). GHABH an gadaiche dubh ’s an gille carach air an aghaidh ri goid gus gu ’n robh moran airgid aca, agus smuaintich iad gu ’m b’ fhearr doibh dròbh a cheannach, ’s dol chum faidhir leo gu ’n creic, agus gu ’n saoileadh feadhainn gu ’m b’ ann air an dròbhaireachd a rinn iad an t-airgiod. Chaidh an dithis agus cheannaich iad dròbh mor cruidh. Agus chaidh iad a dh’ ionnsuidh faidhir a bha fad air astar leo. Chreic iad an dròbh, ’s fhuair iad an t-airgiod air an son, ’s dh’ fhalbh iad gu dol dachaidh. Tra a bha iad air an rathad, chunnaic iad croich air mullach cnoic, agus thubhairt an gille carach ris a’ ghadaiche dhubh, “Tiugainn an àird is gu ’m faic sinn a’ chroich; tha feadhainn ag ràdh gur h-i a’ chroich is deireadh do na mèirlich co-dhiubh.” Chaidh iad an àird far an robh a’ chroich, ’s bha iad a’ sealltuinn mu ’n cuairt oirre. Thubhairt an gille carach, “Nach fhaodamaid fheuchainn cia dé an seòrsa bàis a tha anns a’ chrochadh, gu ’m bith fios againn cia dé a tha romhainn ma bheirear oirnn ri gadachd; feuchaidh mi-fein an toiseach e.” Chuir an gille carach an còrd ma amhaich, ’s thubhairt e ris a’ ghadaiche dhubh, “So, tarruing an àird mi, ’s tra bhitheas mi sgìth gu h-àrd crathaidh mi mo chasan, ’s an sin leig thusa an nuas mi.” Tharruing an gadaiche dubh an còrd, ’s thog e an gille carach an àird far an talmhainn, agus aig ceann seal beag chrath an gille carach a chasan, ’s leig an gadaiche dubh a nuas e. Chuir an gille carach an còrd far amhaich, ’s thubhairt e ris a’ ghadaiche dhubh, “Cha d’ fheuch thu-fhein nì riamh a tha cho eibhinn ris a’ chrochadh. Na ’m feuchadh tu aon uair e cha bhitheadh eagal ort romh ’n chrochadh tuille. Bha mise a crathadh mo chasan leis an aoibhneas ’s chrathadh tusa do chasan leis an aoibhneas cuideachd na ’m bitheadh tu gu h-ard.” Thuirt an gadaiche dubh, “Feuchaidh mise e cuideachd, ’s gu ’m bith fios agam co ris a’s coltach e.” “Dean,” ars’ an gille carrach; “’s tra a bhitheas tu sgìth gu h-ard, dean fead ’s leigidh mise an nuas thu.” Chuir an gadaiche dubh an còrd ma amhaich, ’s tharruing an gille carach an àird e; ’s tra fhuair an gille carach gu ’n robh an gadaiche dubh gu h-ard ris a’ chroich, thuirt e ris, “An nis tra bhitheas tu ag iarraidh a nuas dean fead, ’s ma tha thu toilichte far am bheil thu, crath do chasan.” Tra a bha an gadaiche dubh seal beag gu h-àrd, thòisich e air crathadh a chasan, ’s air breabadh, ’s theireadh an gille carach, “O, nach aighearach thu! nach aighearach thu! O, nach aighearach thu! Tra bhitheas leat gu ’m bheil thu glé fhada gu h-àrd dean fead.” Ach cha do rinn an gadaiche dubh fead fhathast. Cheangail an gille carach an còrd ri iochdar crann na croiche, gus gu ’n robh an gadaiche dubh marbh. An sin chaidh an gille carach far an robh e, ’s thug e as a phòc an t-airgiod, ’s thubhairt se ris, “An nis bho nach ’eil feum agadsa air an airgiod so na ’s fhaide, gabhaidh mise curam dheth air do shon.” ’S dh’ fhalbh e, ’s dh’ fhàg e an gadaiche dubh an crochadh ann an sin. An sin chaidh e dachaidh far an robh tigh a ghadaiche dhuibh, ’s dh’ fharraid bean a ghadaiche dhuibh dheth c’aite an robh a mhaighistir? Thuirt an gille carach, “Dh’ fhàg mise e far an robh e air ardachadh os ceann an talamh.” Dh’ fharraid agus dh’ fharraid bean a’ ghadaiche deth ma dheidhinn a fir, gus ma dheireadh gu ’n d’ innis e d’ i, ach thuirt e rithe gu ’m pòsadh e-fhein i. Tra chuala ise sin ghlaodh i gu ’n do mharbh an gille carach a mhaighstir is nach robh ann ach mearlach. Tra chuala an gille carach sin theich e. Chaidh an toir a chuir air a dheigh, ach fhuair esan dol am falach ann an uaimh, ’s chaidh an tòir seachad air. Bha e ’san uaimh fad na h-oidhche, agus an ath latha chaidh se rathad eile, ’s fhuair e teicheadh do dh’ Eirinn. Rainig e tigh saoir, ’s ghlaodh se aig an dorus, “Leigibh a stigh mi.” “Co thusa?” ars’ an saor. “Thà saor math, ma tha a leithid a dhìth ort,” ars’ an gille carach. Dh’ fhosgail an saor an dorus ’s leig e a stigh an gille carach, ’s thòisich an gille carach air obair air an t-saorsaineachd comhla ris an t-saor. Tra a bha an gille carach latha na dhà anns an tigh aca, thug e sealladh a null ’s sealladh an nall air feadh an taighe, ’s thubhairt e, “O chòin, is bochd an tigh agaibh ’us tigh-taisg an righ cho dluth oirbh.” “Cia dé dheth sin?” ars’ an saor. “Thà,” ars’ an gille carrach, “gu ’m faodadh sibh am pailteas fhaotainn a tigh stòir an righ na ’m bitheadh sibh fein glé thapaidh.” Theireadh an saor ’s a bhean, “Chuireadh iad ann am priosan sinn na ’n tòisicheadh sinn air a leithid sin.” Bha an gille carach daonnan ag radh gu ’m bu choir daibh dol a bhristeadh a stigh do thigh-taisg an righ, ’s gu ’m faigheadh iad am pailteas ann, ach cha rachadh an saor leis. Ach thug an gille carach leis pairt do acfhuinn an t-saoir, ’us chaidh e fhein is bhrisd e a stigh do thigh-taisg an righ, ’s thug e leis ealach do ’n im ’s do ’n chaise aig an righ, ’s thug e do thigh an t saoir e. Thaitinn na gnothaichean gu math ri bean an t-saoir, ’s bha i toileach gu ’n rachadh am fear aic’ e fhein ann an ath oidhche. Chaidh an saor e-fhein le a ghille an ath oidhche, ’s fhuair iad a stigh do thigh-taisg an righ, ’s thug iad leotha eallachan mora do gach ni a b’ fhearr a thaitinn riutha do na bha stigh ann an tigh-taisg an righ. Ach dh’ ionndrainn muinntir an righ an t-ìm ’s an càise, ’s na rudan eile a chaidh a thoirt as an tigh-thaisg, ’s dh’ innis iad do ’n righ mar a thachair. Ghabh an righ comhairle an t-seanaghail mu ’n doigh a b’ fhearr gu beireachd air na mèirleich. Agus is e a chomhairle a thug an seanghail orra, iad a chuir togsaid làn do phic bhog fo ’n toll far an robh iad a’ tighinn a stigh. Chaidh sin a dheanamh. Agus an ath oidhche chaidh an gille carach ’s a mhaighistir a bhristeadh a stigh do thigh-taisg an righ. Chuir an gille carach a mhaighistir a stigh air thoiseach air, agus chaidh am maighistir sios anns a’ phic bhog gu a theis-meadhoin, ’s cha ’n fhaigheadh e as a rithisd. Chaidh an gille carach sios, ’s chuir e cas air gach gualann aig a mhaighistir, ’s chuir e a mach dà eallach do ’n chaise aig an righ air an toll; ’s an uair ma dheireadh, tra a bha e a tighinn a mach, sgiud e an ceann far a mhaighistir, ’s thug e leis an ceann, ’s dh’ fhag e a cholunn anns an togsaid phic, ’us chaidh e dhachaidh leis an ìm ’s leis a’ chàise, agus thug e dhachaidh an ceann, agus dh’ adhlaic e anns a ghàradh e. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. V. CHO luath ’s a chuir an t-seana bhean crioch air na briathran so, thug Sobaide fainne daimein am mach a bocsa beag a bh’ aice, agus chuir i air meoir na seana mhna e. ’Na dheigh sin chuir i a da laimh mu ’n cuairt oirre, agus thuirt i, “Mo dheadh mhathair, tha mi anabarrach fada ’na do chomain! Cha smaoinichinnsa gu brath air doigh cho innleachdach ri sid. Cha ’n urrainn nach teid an gnothach leam, agus tha fois aig m’ inntinn mar tha. Gheibh thusa an iomhaidh fhiodha deanta, agus ni mi fhin an corr dhe ’n obair.” Rinneadh an iomhaidh fhiodha ann an uine cho goirid ’s gu ’n robh Sobaide anabarrach toilichte. An sin thug an t-seana bhean fhein i do ’n t-seomar anns am biodh Fetnah, agus an uair a chuireadh aodach mairbh oirre chuireadh ann an ciste i. ’Na dheigh sin thug Mesrour a’ chiste air falbh, agus e ’creidsinn gu ’n robh Fetnah innte, agus thiodhlaic e i far an d’ iarr Sobaide air. Bha na mnathan coimhideachd ’g a caoidh gu trom. Agus cha b’ i an te a thug dhi an deoch chadail dad bu lugha glaodh. Air a’ cheart latha sin fhein chuir Sobaide fios air ard-chlachair an righ, agus thug i ordugh dha aite adhlacaidh a thogail gun dail os cionn na h-uaghach. Thug e umhlachd d’ a h-aithne gun dail mar a bha coir aige air a dheanamh. Chuireadh gach aon a bhuineadh do ’n luchairt gun dail ann an eideadh broin, agus ann an uine ghoirid chualas air feadh a’ bhaile gu ’n do dh’ eug Fetnah. B’ e Ganem an aon mu dheireadh a chuala mar a bha; oir, mar a dh’ ainmicheadh mar tha, b’ ainneamh leis a dhol am mach as an taigh. Ach an uair a chual’ e an naigheachd, thuirt e ri Fetnah, “A bhaintighearna, tha sluagh Bhagdad a’ creidsinn gu ’m bheil thu marbh, agus cha ’n ’eil teagamh nach ’eil Sobaide fhein ’g a chreidsinn. Tha mi ’toirt cliu do ’n Ti a’s airde gur mi a b’ aobhar air thu bhith beo. Agus b’ fhearr leam na ’n saoghal gu ’n gabhadh tu cothrom air an naigheachd mhearachdaich so, agus gu ’m falbhadh tu comhladh rium fhin gus a bhith ’riaghladh ’nam chridhe! Ach c’ait’ am bheil na smaointeanan taitneach so ’gam thoirt? Nach ’eil mi ’smaointean gu ’n d’ rugadh tu a chum am prionnsa a’s cumhachdaiche a th’ air an talamh a dheanamh sona, agus nach ’eil neach sam bith ach Haroun Alraschid airidh ort? Ged a thachradh dhut a bhith toileach mise a leantuinn, agus esan a threigsinn, am bu choir dhomh aontachadh sin [TD 267] [Vol. 9. No. 35. p. 3] danas cuimhne a chumail an comhnuidh nach ’eil gnothach sam bith aig an t-seirbhiseach ri ni sam bith a bhuineas d’ a mhaighstir.” Ged a chuir na briathran a labhair e gluasad air inntinn Fetnah, chuir i roimpe nach leigeadh i dad oirre ris. Thuirt i ris, “Mo thighearna, cha ’n urrainn sinn stad a chur air a’ ghairdeachas a tha Sobaide a’ deanamh. Cha ’n ’eil na cuilbheartan a tha i ’deanamh gus falach a chur air a cionta a’ cur ioghnaidh sam bith ormsa. Ach rachadh i air a h-aghart. Tha mise cinnteach gu ’m bi bron an aite gairdeachais aice an uine gun bhith fada. An uair a thig an righ air ais, gheibh sinn doigh air innseadh dha gun fhios dhise air mar a thachair. Anns a’ cheart àm so is e ar dleasdanas a bhith na ’s faicliche na bha sinn riamh air eagal gu ’m faigh i am mach gu ’m bheil mise beo. Dh’ innis mi dhut mar tha mar a dh’ eireadh dhuinn le cheile nam biodh fhios aice mar a tha cuisean.” An ceann thri miosan thill an righ air ais do Bhagdad, agus e ’n deigh cliu mor a chosnadh dha fhein ’s dha shluagh air son mar a thug e buaidh air a naimhdean. Bha fadachd air gus an ruigeadh e an luchairt a chum Fetnah fhaicinn, agus gus innseadh dhi cho math ’s a chaidh a ghnothach leis. Ach ghabh e uamhas an uair a chunnaic e gach neach a bhuineadh do ’n luchairt ann an eideadh broin. Bha an tuilleadh uamhais air an uair a chaidh e steach, agus a thachair Sobaide ris ’s i ann an eideadh a’ bhroin mar a bha cach. Ghrad dh’ fheoraich e, agus ’inntinn fo dhragh mor, ciod a b’ aobhar do ’n chuis. “A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Sobaide, “tha mi ann an eideadh broin airson Fetnah, do bhan-oglach. Fhuair i bas cho aithghearr ’s nach robh rathad air dad a dheanamh rithe.” Bha i air an tuilleadh a radh mur b’ e gu ’n do thoisich an righ ri gul. Ann an tiotadh dh’ fhannaich e ann an lamhan Ghiafar, an t-ard-chomhairleach. Ach ann an uine ghoirid thainig e as an laigse, agus le guth fann a bha nochdadh cho bronach ’s a bha e, dh’ fheoraich e c’aite an robh i an tiodhlacadh. “Mo thighearna,” arsa Sobaide, “ghabh mi fhin os laimh gach ni a bhuineadh do ’n tiodhlacadh, agus cha do chaomhain mi cosgais a dheanamh gus a cur fo ’n talamh le mor urram. Dh’ ordaich mi aite adhlacaidh a thogail de chloich mharmoir, agus theid mi comhladh riut a dh’ ionnsuidh an aite ma dh’ iarras tu orm.” Cha leigeadh an righ le Sobaide an dragh a ghabhail a dhol comhladh ris. Thug e leis Mesrour gus a threorachadh a dh’ ionnsuidh na h-uaghach. Cha do stad e ri eideadh an airm a chur dheth, ach dh’ fhalbh e mar a bha e. An uair a chunnaic e an iomhaidh a bha os cionn na h-uaghach air a comhdachadh le aodach dubh, agus na coinnlean ceireach laiste mu ’n cuairt oirre, agus mar an ceudna, an taigh-tiodhlacaidh maiseach, bha ioghnadh anabarrach air a chionn Sobaide a dhol gu leithid de dhragh ’s de chosgais air son te ris an robh euid aice gu nadarra. Bha ’n righ gu nadarra car amhrusach, agus chuir an gnothach a bh’ ann gu smaointean e. Bhuail e anns a cheann aige anns a’ mhionaid gu ’n robh Fetnah beo an aiteiginn, agus gu ’n do ghabh Sobaide an cothrom fhad ’s a bha e air falbh air a cur am mach as an luchairt, agus a cur a dh’ aiteiginn fad air falbh far nach cluinnteadh guth no iomradh oirre gu brath tuilleadh. a dheanamh? Cha bu choir. Is e mo dhleas- Cha do smaoinich e idir gu ’m feuchadh Sobaide ri ’cur gu bas. Gus fios fhaotainn an robh na bhuail ’s an inntinn aige ceart, dh’ ordaich e an iomhaidh a bha air an uaigh a thoirt air falbh, agus araon an uaigh agus a’ chiste fhosgladh ’na lathair Ach an uair a chunnaic e an iomhaidh fhiodha a bh’ anns a’ chiste air a comhdachadh ann an lionaodach grinn, cha bu dana leis beantuinn dhi. Bha e ’smaointean nach robh e ceart dha an corp a charachadh. Cha robh teagamh aige nach robh Fetnah marbh. Dh’ ordaich e a’ chiste agus an uaigh a dhunadh, agus a h-uile rud a chur ’na aite fhein mar a bha e roimhe. O ’n a bha toil aig an righ urram a thoirt do ’n mharbh, chuir e fios anns a’ mhionaid air luchd-dreuchd na h-eaglais, air oifigich na cuirte, agus air luchd-leughaidh a’ Chorain. Agus gus an d’ thainig iad, bha e ’na sheasamh aig an uaigh, agus e ’sileadh nan deur gu frasach. An uair a thainig na h-uile air an do chuir e fios, sheas e aig an uaigh, agus bha cach ’nan seasamh dluth dha, agus iad a’ gabhail an urnuighean. ’Na dheigh sin leughadh caibidilean dhe ’n Choran. Rinneadh an t-seirbhis so aig an uaigh a h-uile latha fad mhios, araon anns a’ mhadainn, agus anns an fheasgar. Agus bha ’n righ, agus an t-ard-chomhairleach, agus maithean na cuirte, agus iad ann an eideadh broin, aig an uaigh aig a h-uile seirbheis. Agus am feadh ’sa bha iad uile bronach, bha ’n righ gun stad a’ sileadh nan deur. Fad a’ mhios cha do shuidhich e inntinn air gnothach sam bith eile. Air an latha mu dheireadh de ’n mhios mhair an t-seirbhis aig an uaigh o ghlasadh an latha gus an do shoilleirich an latha an la-iar-na-mhaireach. ’Na dheigh sin chaidh gach duine dhachaidh. O ’n a bha ’n righ gle sgith le caithris, le bron, agus le dragh inntinn, chaidh e greis ’na shineadh ’na sheomar fhein. Agus an uair a thuit e ’na chadal, shuidh dithis de mhnathan uaisle na cuirte, te aig a cheann, agus te aig a chasan gu samhach, agus iad ri obair-ghreis. An uair a shaoil iad gu ’n robh an righ gu trom na chadal, thuirt an te a bh’ aig a cheann ris an te a bh’ aig a chasan, “Tha naigheachd mor agam! Bidh an righ, ar maighstir, gle aoibhneach an uair a dhuisgeas e, agus a chluinneas e an naigheachd a th’ agam dhut. Cha ’n ’eil Fetnah marbh idir. Tha i beo agus ann an deagh shlainte.” “O chruitheachd!” ars’ an te eile, agus aoibhneas mor oirre, “am bheil e comasach gu ’m bheil Fetnah, am boirionnach cho maiseach, cho aoidheil, agus cho neo-chumanta ’s a bha riamh air an talamh fhathast beo?” Labhair i na briathran so cho cabhagach agus cho ard ’s gu ’n do dhuisg an righ. Dh’ fheoraich e c’ar son a bha iad a’ bruidhinn cho ard ’s gu ’n do dhuisg iad e. “Ochan! mo thighearna,” ars’ an te a dhuisg e, “thugaibh mathanas dhomh air son mar a rinn mi. An uair a chuala mi gu ’m bheil Fetnah beo bha aoibhneas cho mor orm ’s nach b’ urrainn mi gun mo ghuth a thogail.” “Mur ’eil i marbh, ciod a thachair dhi?” ars’ an righ. “A Cheannaird nan Creidmheach,” ars’ ise, “fhuair mise air an fheasgar so litir uaipe a sgriobh i le a laimh fhein, anns an d’ innis i dhomh a h-uile mi-fhortan a thachair dhi, agus dh’ iarr i orm innseadh dhuibhse. Agus o ’n a bha fhios agam gu ’n robh feum mor agaibh air beagan fois a ghabhail an deigh na trioblaid troimh ’n deachaidh sibh, smaoinich mi gu ’m b’ fhearr dhomh gun mo naigheachd innseadh dhuibh gus an cuireadh sibh dhibh bhur sgios.” “Thoir dhomh an litir,” ars’ an righ, agus e ’cur stad oirre. “Bu choir dhut a thoirt dhomh roimhe so.” Thug i dha an litir anns a’ mhionaid, agus ghrad dh’ fhosgail e i. Dh’ innis Fetnah anns an litir a h-uile car mar a dh’ eirich dhi. Agus gu mi-fhortanach thuirt i tuilleadh na bu choir dhi mu dheidhinn a’ churaim a ghabh Ganem dhi. Bha ’n righ gu nadarra ’na dhuine anns an robh moran de nadar an iadaich, agus an aite bhith air a bhrosnachadh gu feirg leis an droch ghniomh a rinn Sobaide, is ann a bha e gu mor air a bhrosnachadh le amhrus nach robh Fetnah cho dileas dha ’s bu choir dhi. An uair a leugh e an litir thuirt e, “An ann mar so a tha? An deigh do ’n chreutair thruaillidh a bhith fuireach ceithir miosan comhladh ri marsanta og, tha i cho beag-narach ’s gu ’m bheil i a’ deanamh uaill as a’ chaoimhneas a nochd e dhi. Tha deich latha fichead o ’n a thill mi do Bhagdad, agus tha i nis a’ smaointean fios a chur gu m’ ionnsuidh mu dheidhinn mar a dh’ eirich dhi. An creutair neo-thaingeil! Am feadh ’s a bha mise a’ caitheamh na h-uine so a’ caoidh gu trom air a son, bha ise ’g a caitheamh ann an neo-dhilseachd dhomhsa. Ach is e bhios ann gu ’n dean mi dioghaltas air a’ bhoirionnach mheallta, agus air an oganach dhalma a chuir masladh orm. An uair a labhair an righ na briathran so, dh’ eirich e, agus chaidh e mach do thalla na comhairle. Bha ’n luchd-comhairle ’g a fheitheamh. An uair a shuidh e air a’ chathair, thainig an t-ard-chomhairleach dluth dha, agus leig e e-fhein ’na shineadh air beulaobh na cathrach aig casan an righ. An uair a dh’ eirich e ’na sheasamh, labhair an righ ris ann am briathran a bha ’nochdadh gu ’m feumteadh a chomhairle a ghabhail, agus thuirt e, “Tha feum agam ort, a Ghiafar, gus gnothach cudthromach a chur an gniomh dhomhsa. Thoir leat ceithir cheud saighdear, agus feoraich air son marsanta a Damascus do ’n ainm Ganem, mac Abou Aidhoub. An uair a gheibh thu fios c’ait’ am bheil e ’fuireach, ordaichidh tu an taigh aige a leagadh gu lar. Ach an toiseach ni thu greim air fhein, agus air mo bhanoglaich-sa, Fetnah, a bha ’fuireach comhladh ris o chionn cheithir miosan, agus bheir thu le cheile an so iad. Ni mise trom dhioghaltas orra le cheile, a chionn gu ’n d’ thug iad easurram dhomh.” (Ri leantuinn). FOSGLADH NA PARLAMAID.—Bidh greadhnachas mòr co-cheangailte ris an latha so. Thàinig an Righ agus a’ Bhanrigh ann am mòrchuis agus ann an Stàit air là an fhosglaidh; agus bha rìobhadh ro shònruichte ri fhaicinn air gach taobh. Cha’n fhacas a leithid so do mhaisealachd o cheann ioma bliadhna. Cha’n e mhàin gu ’n do shuidh an rìgh féin air cathair glòir an ùghdarrais, shuidh a’ Bhanrigh maille ris. Cha robh sealladh a ’n t-seòrsa so tric ann an eachdraidh ar rìgheachd. Theagamh gu ’m faicear e ’na dhéigh so ni ’s trice. Bidh so ’na dhùil choitcheann. Cha’n ’eil teagamh nach tig an Rìgh a mach am measg an t-sluaigh ni ’s mò na bha e comasach do’n t-seann bhean chòir rìoghail agus ghràdhach a chaidh a nunn. Bidh fosgladh na Pàrlamaid so ainmeil ann an làithibh ri teachd. Bidh ioma iomradh is coslas òirdhearcais air an gleidheadh ann an tighean an t-sluaigh mu ’n latha shònruichte so. Tha dòchas againn gu ’n tig cuidheachadh, còmhnadh is comhfhurtachd do’n t-sluagh gu lèir troimh ’n righeachadh ùr a tha air tòiseachadh.—ObanTimes. [TD 268] [Vol. 9. No. 35. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, AM MART 1, 1901. An ceann seachdain no dha eile, bheir sinn d’ar leughadairean a’ cheud earrainn de sgeul ghoirid a chuireadh ugainn le ar caraid á Moosomin, Seumas N. Mac Fhionghain. Cha toir sinn iomradh air co m’a dheibhinn a tha an sgeul—faigheadh an leughadair sin a mach dha fhein—ach feumaidh sinn a radh gu bheil i air a deagh sgriobhadh, agus gu bheil an t-ùghdar a cleachdadh taghadh na cainnte. Tha coig caibidilean ann dhi, agus ’s i ar barail gun abair gach neach a leughas i gu ’m b’ fhearr leis gu ’n faigheamaid tuilleadh sgeulachdan o’n ùghdar cheudna. Chuir comhairle na siorrachd, aig an t-suidhe mu dheireadh, suim airgeid air leth air son ainmean dhaoine fhaotainn ri iarrtus air son an “Scott Act” a chur air chùl anns an t-siorrachd so, agus lagh License Nobha Scotia a ghabhail ’na àite. Chuir comhairle baile Shidni, uaithe sin, suim airgeid air leth air son an aobhair cheudna. Ma gheibhear àireamh àraid de dh’ ainmean ris an iarrtus so, cuiridh an t-àrd-riaghladh air leth latha air am faod an luchd-taghaidh, le ’m bhòtaichean, an ni is àil leotha a dheanamh ris an Scott Act mar lagh na siorrrchd so, a chumail no a chur air chùl. Cha ghabh e àicheadh nach robh an Scott Act anns an t-siorrachd air fior bheag feuma, mar a tha comhairle na siorrachd ag radh, ach tha sinn dhe ’n bharail gu ’m bu chòir do uaislean na comhairle, mu’n deachaidh iad a thoirt ionnsuidh air cur as do’n achd, a nochdadh dhuinn gu soilleir gu bheil an lagh sin a’ cosnadh gach coire thatar a faotainn dha. Bu mhath leinn a bhi cinnteach nach ann bu chòir a chuid mhor no an t-iomlan de’n choire thatar a’ cur air an Scott Act a bha air a chur orrasan d’ an dleasdanas an lagh obrachadh. Tha comhairle na siorrachd a’ gealltuinn, ma’s e toil an t-sluaigh an lagh a tha aca a chumail, gu ’n dean iadsan an uile dhichioll air obrachadh a chum stad a chur gu buileach air creic stuth làidir. Am bheil duine ’nam measg a dh’ innseas dhuinn car son nach d’rinn iad an dichioll ceudna os leth an lagha anns na bliadhnaichean a chaidh seachad? Tha Carrie Nation aig an àm so anns a phriosan, agus mar sin air a cumail o bhi bristeadh nan taighean-oil. Thairg iadsan a chuir a stigh i a leigeil a mach air urras, ach cha ghabhadh i ris an tairgse sin idir; ma gheibh i m’a sgaoil tha i air son cothrom obrachaidh a bhi aice, agus mur bi an cothrom sin aice, ’s fhearr leatha fuireach anns a’ phriosan. Fhuair sinn paipear taitneach o “C. C.” anns am bheil e toirt iomradh goirid air na bàird chràbhach—iadsan a sgriobh laoidhean agus dàin spioradail—anns an naodhamh linn deug. Bidh so air a thoirt do ar leughadairean an ùine ghoirid, ma dh’ fhaodte anns an ath àireamh. Tha “C. C.” na bhreitheamh math air bàrdachd; tha meur bhàrdail a ruith ann féin, agus rinn e iomadh dàn agus duanag a chur an eagaibh a chéile. Bha aon no dha dhiubh anns a MHAC-TALLA o chionn beagan sheachduinean air ais, agus tha sinn a’ faicinn gu bheil paipearan na Gàidhealtachd ’g an toirt d’ an luchd-leughaidh fèin. Bha sgeul air innse anns a bhaile toiseach na seachdain so a dh’ aobharaich iomguin mhor am measg nan ceannaichean ’s an luchd-gnothuich eile. B’ e ’n sgeul sin gu robh an obair-iaruinn agus na mèinnean guail air an creic ri cuideachd làidir a th’ anns na Staidean, ’s aig am bheil gach obair-iaruinn, agus gu ire bhig gach rathad-iaruinn a th’ anns an duthaich sin fo’n laimh. Thainig fear Tomas E. Ryan do’n bhaile air an t-seachdain s’a chaidh, agus an deigh dha bhi an so beagan lathaichean chaidh innse mu ’n cuairt gu ’m b’ e ’n gnothuch air an d’ thainig e, gu robh e dol a cheannach na h-obair iaruinn do Mhr. J. Pierpont Morgan. Cha d’ thubhairt an duine fhéin iomradh air a chùis gu Di-luain; an uair sin dh’ innis e gu robh an ceannach air a dheanamh, gu robh an obair iaruinn air a ceannach do Mhorgan air son $56,500,000. Dh’ fhalbh e air a charbad maduinn Di-màirt, agus beagan an deigh dha falbh fhuaireadh fios o Mhr. H. M. Whitney ag radh nach robh facal firinn ann an sgeul Ryan. Mu’n àm cheudna fhuaireadh fiosan o àireamh de luchd-riaghlaidh eile na cuideachd iaruinn ag radh an ni ceudna, nach robh an obair iaruinn air a creic, agus nach robhas a bruidhinn air. Nuair a bha sgeul Ryan gun tilleadh, bha moran anns a’ bhaile aig nach robh dochas sam bith gu ’n b’ann na b’ fhearr a rachadh cùisean, ged a bha cuid eile de dh’ atharrachadh barail. Ach bha iadsan a bha teagmhach cho math riuthasan nach robh, gle thoilichte chluinntinn nach robh an sgeul fior, agus gu robh Mr H. M. Whitney fhathast air cheann na h-obair iaruinn. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life Association. Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871. ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. Teachd-a-stigh os Ceann Millean ’sa Bhliadhna. Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 269] [Vol. 9. No. 35. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Glace Bay a nise corpaicbte mar bhaile, agus Di-ciaduin s’a chaidh bha a cheud chomhairle air a taghadh—bàillidh agus sia comhairlichean. Fhuair am bàillidh, D. M. Burchell, a stigh gun duine ruith ’na aghaidh, ach bha ceithir deug a ruith air son dreuchd comhairleach, ged nach robh ri ’n taghadh ach a sianar. Bha Iain A. Mac-Neill, a thainig dhachaidh á Dawson o chionn ghoirid, anns a’ bhaile Di-màirt, agus thaghail e air MAC-TALLA. Buinidh Mr. Mac-Neill do Washabuckt, an siorrachd Victoria. Tha e dol air ais do thir an òir an ceann seachdain. Tha bràthair dha ’na chaiptean soithich ann an Seattle, an staid Washington. Tha rioghachd na h-Eadailte an deigh coig ceud mile dolair a chosg a’ feuchainn ris an spùinneadair ainmeil, Mussolino, a ghlacadh. A bharrachd air na maoir sithe tha da reiseamaid de shaighdearan a siubhal nam beann air a shon o chionn còrr us da bhliadhna, ach gu ruige so, cha d’ fhuair iad e, agus cha’n eil e ro-choltach gu faigh air chabhaig. Tha na Boerich a cumail am mach gu ’n do mharbh iad a h-uile mac màthar do shaighdearan an Reiseimeid Dhuibh aig blàr Magersfontein—am blar fuilteach sin anns an do chaill iomadh Gaidheal treun a bheatha. Leis an uamhas a tha na saighdearan sin a cur air na Boerich cha toir ni orra ’chreidsinn nach e taibhsean ’na daoine a mharbhaidh anns a bhlar a th’ annta. Ma tha an sgeul so fior cha’n ’eil aig Breatunn ach àireamh de na Saighdearan Dubha a chur gu Africa agus ann an uine ghoirid cha bhi Boerach ri fhaicinn anns an dùthaich. ’Nuair a bha righ Eideard a Seachd ’na ghill’ òg bha e air a chur do dh’ Alba airson Gailig ionnsachadh, agus b’e Domhull Mac Fadyen, a cearna de’n Ghaidhealtachd a bha na fhear-teagaisg dha. Aon latha nuair a bha iad a connsachadh mu rud air choireiginn labhair am prionnsa mu na Gaidheil ann an doigh nach do chord ri Domhull. Ghrad bha fuil a Ghaidheal air a bhrosnachadh; cha ’n eisdeadh e ri neach sam bith a bruidhinn gu tàmailteach mu na Gaidheil, ged a b’e prionnsa fhein a bh’ ann, agus bhuail e an sgoilear rioghail ’san aodann. ’Nuair a chuala a bhan righ mu’n chuis dh’ ordaich i am prionnsa agus Domhull a bhi air an toirt air a beulaobh, agus ’nuair a chuala e an aobhar airson an do throd iad, cha dubhairt i guth ri Domhull, ach chronaich i am mac gu geur airson mar e labhair e. Cha chuala sinn ciamar a chaidh cuisean leotha an deigh sin, ach ’s e ’s docha nach do dh’ ionnsaich am prionnsa moran do chànain na Gaidheil co-dhiu. Bha Eideard VII. air eigheach ’na righ ann an meadhon othail agus greadhnachas mor. Tha e gle mheasail aig sluagh na righeachd, agus tha a h-uile coltas gu ’m bi e a riaghladh gu glic agus gu curamach. Tha sinn a toirt seachad na briathran leis an robh e air eigheach mar a leanas:— Do Bhrìgh gu ’n do thoilich e An Dia Uile-Chumhachdach, ar Ban-Righ Victoria, de chuimhne ro-ghràdhaich, a ghairm a dh’ ionnsuidh A Thròcair, air dhithse caochladh tha Crùin Ard-Uachdaranach na Rìoghachd Aonaichte Bhreatuinn-Mhòir agus Eìrinn air tighinn le ceartas dligheil agus daingean do’n Phrionnsa Ro-Ard agus Chumhachdach Ailbeart Eideard: Air an aobhar sin, tha sinne, Tighearnan spioradail agus saoghalta na Mòr-Rìoghachd so, air ar cuideachadh aig an àm so leòsan a bha ’n an Ard-Chomhairlichean do ’n Bhan-Righ a chaochail, le mòran eile de Ard-Uaislean na Dùthcha, maille ri Ceann-Suidhe, Seanairean, agus Luchd-Aiteachaidh Lunnuin, a nis le aon ghuth agus aontachaidh teanga agus cridhe a’ foillseachadh agus a’ cur an céill gu bheil am Prionnsa Ro-Ard agus Cumhachdach Ailbeart Eideard, a nis, troimh chaochladh ar Ban-Righ air am bheil cuimhne ro ghràdhach againn, agus esan a mhàin, ’n a Righ Laghail agus Dligheach, ar n-Uachdaran agus Riaghlair Eideard a Seachd, le Gràs Dhé, Righ air an Rìoghachd Aonaichte Bhreatuinn-Mhòir agus Eirinn, Fear-Dìon a’ Chreidimh, Iompaire nan Innsean: D’am bheil sinn ag aideachadh dìlseachd agus sìor-ùmhlachd, le ar n-uile chridhe ann an irioslachd gràidh; a’ guidhe air An Dia Uile-Chumhachdach Tre’m bheil Righrean agus Ban-Righrean a’ rìoghachadh, gu ’m beannaich E am Prionnsa Rìoghail Eideard a Seachd a rìoghachadh thairis oirnn ré mòran bhliadhnaichean sona. Air a thabhairt aig Cùirt Naoimh Seumas air an treas-latha fichead de cheud mhìos Bliadhna ar Tighearna Naoi-Ceud-Deug agus a h-Aon. GU’N GLEIDHEADH DIA AN RIGH! A Linne nam Breac. A DHEAGH CHARAID,—’S fhada o’n a bha duil agam sgriobhadh ugad, ach bha gne de dh’ eagal orm nach deanainn an gnothuch cho math ’s bu mhath leam. Tha mi faighinn do phapiear gasda o chionn treis a dh’ ùine agus bidh fadachd orm gu ’n tig ceann na seachdain ’nuair a bhios duil agam ri naigheachdan inntinneach, toilichte, a chleachd ar sinnsir ann an tir nam beann ’s nan gleann. Cha ’n ’eil moran naigheachdan agam ri innse dhut an drasda, mar a teann mi ri innse bhreug; ach faodaidh tu a thuigsinn air reir an ainm a tha aig crioch na litir so nach bi mi ag innse ni sam bith ach an fhìrinn. Tha mi creidsinn nach ’eil fios aig pàirt do luchd-leughaidh a MHAC-TALLA c’aite bheil Linne nam Breac, ach thigeadh iadsan far am bheil mise agus innsidh mi sin dhaibh. Cha tug mi an aire riamh do litir o Rob Donn anns a MHAC-TALLA, ged a tha e ’na dheagh fheàr-sgriobhadh Gàilig. Cha’n ’eil fhios nach tugadh e leum as an uair a chi e so an clò. Bidh mi a sgur aig an àm so an dòchas gu faigh na sgriobh mi àite na do phàipear, agus ma gheibh cha ’n fhada gus an sgriobh mi a rithist. Is mi ’ur caraid, BEUL NA FIRINN. Feb. 1901. Reic-a-mach Mhor DE dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne. Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228 Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN Airson Sanas bho KELLY & DODGE, Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B. Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de BHIADH BHEOTHAICHEAN, tha na tha againn ’nan deagh chunnradh. Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1.30 am poca. Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd. Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann. Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4.00 againn fhathast. Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. F. & J. MORLEY. [TD 270] [Vol. 9. No. 35. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXX. AN deigh dhaibh oidhche gharbh, stoirmeil, a chur seachad, chaidh iad air tìr sa’ mhadainn air a’ chùigeamh latha de mhìos dheireannach an t-sàmhraidh ann an àite do ’n goirear a Mhalach-bheag air taobh deas Loch-Neamhais. Air dhaibh a chluinntinn gu ’n robh an dùthaich air a cuartachadh le nàimhdean, dh’ fhan iad sa’ Mhalaich-bhig fad thrì latha. Air a’ cheathramh latha chaidh Mac-Ionmhuinn an t-Sratha féin agus fear de ’n sgioba dh’ fheuchainn an amaiseadh iad air uaimh anns an deanadh am Prionns’ fhalach, agus chaidh am Prionnsa féin, Mr Iain Mac-Ionmhuinn, agus an triùir eile de’n sgioba air sàl gu ceann shuas an locha. Air dhaibh a bhi ’g iomradh tiomal air sròin rudha beag a bha rompa, bhuail iad an cuid ràmh air bàta ’bha ceangailte ri creig, agus chunnaic iad cùigear dhaoine le croisean dearga ’nan seasamh air tìr beagan os-ceann a bhàta. Dh’ fheòraich na daoine dhiu “cia ás a thainig iad, agus c’àite bha iad a’ dol?” Thubhairt gu’n “tàinig á Sléibhte, agus gu ’n robh iad a’ dol do’n choille air toir fiodh tarsuinn, no crannalach bàta.” Air cluinntinn sin do luchd nan croisean, dh’ iarr iad orra “a thighinn gu tìr air ball air neo nach bu shaoghal daibh ach na bh’ eadar clach a’s òrd;” air dhaibh fhaieinn nach tug fìr an t-Srath feairt orr’ leum iad ’nam bàta féin agus thoisich iad air cruaidh iomradh a chum an glacadh. ’Nuair a dhluthaich luchd nan croisean dearga orra, bha ’m Prionnsa air son leum ás a bhàta gu tìr, ach cha do leig Mr Iain Mac-Ionmhuinn leis sin a dheanamh, ach dh’iarr e air an sgioba an cuid gunnaidhean a bhi deas gu losgadh, agus a bhi cinnteach gu ’n deanadh iad deagh chuimse, na ’m be agus gu’n tigeadh na croisean dearga mò is teann orr’; “oir,” ars esan, “tha mi cuir romham, ma nochdas iad a’ mhi-mhodh is lugha dhuinn nach téid duine dhiù air an ais a dh’ aithriseas an sgeul.” Tacan an deigh sin dhluthaich iad ri àite de ’n fhearann, a bh’ air a chòmhdachadh le coille bho shliabh gu tràigh. Thuirt Mr Mac-Ionmhuinn ris a’ Phrionnsa gu ’m faodadh iad dol air tìr sa’n ionad sin, “oir, ars esan “aon uair is gu’m faigh sinn a steach a measg na coille, faodaidh na croisean dearga bhi gabhail mu ’m buinn oir neo bheir sinne greadan orra bho chul nan craobh.” Ach cha dh’ fhan luchd nan croisean ris a’ sin, cho luath sa’ fhuair am Prionnsa agus a chuid daoine ’measg nam preas, phill na nàimhdean an taobh ás an tàinig iad. Chaidil am Prionnsa ma thrì uairean air mulach na h-uchdaich, ann am fasgadh an doire; ’nuair a dhùisg e chaidh e-féin agus an sgioba do ’n bhàta, agus chaidh iad tarsuinn an loch gu eilean beag a bha fagus do thaigh Mhic-Dhòmhnuill Sgotais. Dh’ fhan Tearlach anns an eilean so, ’nuair a chaidh Mr Iain Mac-Ionmhainn a null do Sgotais far an robh seanna Mhac-’Ic-Ailein ’na thaigheadas sàmhraidh. Thuirt Mr Mac-Ionmhuinn ri Mac-’Ic-Ailein, gu ’n robh am Prionnsa nis ’na nàbachd ann a mòr theanndachd, agus gu ’n robh làn-dòchas aige ri dion fhaotainn air a sgàth-san ’na airc. Ged ’nochd Mac-’Ic-Ailein caoimhneas do Thearlach ann an Uidhist, cha robh e ’nise, air son urrad a’s fhaicinn. Faodaidh sinn a bhaireileachadh co dhiù gur e mar chunnaic e bhi geurleanmhuinn nan daoin’-uaisle a nochd caoimhneas da roimhe sin, bu choireach ri iargaltas aig an àm so; bha e glé fhuair ri Mac-Ionmhuinn na chonaltradh, agus thuirt e nach robh dòigh sam bith aige-san air fhalach no dhion, agus gu’m be a chomhairle dhìleas-sa dha e philleadh air ais an taobh ás an tàinig e, agus e-féin fhalach ann an Ròna! eilean beag anns bu ghann a gheibheadh e aon tràth bìdh ’san àm sin. Air cluinntinn sin do Mr Mac-Ionmhuinn, ghabh e chead de Mhac-’Ic-Ailein le mòr fheirg air son a mhi-fhiùghantais; agus air dha a chùis aithris do Thèarlach, labhair an dìbearach rìoghail mar so:—“Cha ’n eil comas air a Mhaighstir ’Ic Ionmhuinn, tha sinn a nis’ a’ faicinn gu ’m feum sinn deanamh air air son féin, an rathad a’s fearr a dh’ fhaodas sinn. Chaidh iad ás an sin thar an loch gu Malach, far an tainig iad air tìr an tùs, agus choinnich Mac-Ionmhuinn an t-Srath’ agus am fear eile de’n sgiob iad anns an àite sin. Ghluais iad ás an sin gu taigh Mhic-Dhòmhnuill Mhoroir (a bha m’a sheachd mìle bho Mhalaich) taigh beag geal a bh’ air a thogail air bruachan Loch-Moroir. Air an t-slighe d’a ionnsaidh thainig iad gu bothan àiridh far an d’ fhuair iad deoch bhaine, nì air an robh iad gle fheumach sam àm; fhuair iad ann an sin mar an ciadna buachaille a rinn an t-iùl daibh gu ruige taigh Mhoroir. M’ a ghlasadh an latha rainig iad Moroir, ach cha robh aca de ’n taigh ach an làrach lòm; bha e air a losgadh gu làr leis na saighdearan dearga, a chionn gun d’éirich fear Mhoroir féin san àr-a-mach. ’Nuair a shoilleirich an latha chunnaic iad am bothan anns an robh fear Mhoroir agus a theaghlach a chomhnuidh, chaidh iad dà ionnsaidh agus cho luath sa chunnaic bean Mhoroir (Piuthar do Loch-iall) am Prionnsa thoisich i air gul, air son a chruaidh-chàis, eadhon, ged a bha i-féin cho ainniseach, le mar chreach na saighdearan am baile, air chor is nach robh aice do theachd-an-tir ’na fàrdaich a chuireadh i an làthair nan uaislean AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. J. M. FULMER, FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH. Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 271] [Vol. 9. No. 35. p. 7] agus a’ Phrionnsa,’ ach mìos de dh’ iasg geal fuar, ni a dh’ ith na h-aodhean gu toilichte gu ’n aon mhìr arain leis. ’Nuair a chaisg iad an acras, threoraich fear Mhoroir am Prionns agus a chàirdean gu uaimh anns na chaidil iad re dheich uairean gun dùsgadh. Co-dhuibh, dhiult fear Mhoroir tuilleadh curam a ghabhail do ’n Phrionns, air an aobhar sin cha dh’ fhan e-fein no chairdean ni b’fhaid’ air a sgàth. Tha e air innse gu bheil cuideachd làidir á Duluth, Minnesotta, a dol a thòiseachadh air togail shoithichean ann a Halifacs. Tha am baile sin a dol a thoirt mar chuideachadh dhaibh da dholair an tunna air son gach soitheach a thogas iad fad dheich bliadhna, agus dolair an tunna air son gach soitheach a thogas iad fad dheich bliadhna ’na dheigh sin. Gheibhear anns an àireamh so sanas bho ’n chomunn-urrasachaidh ris an abrar an Confederation Life. Tha Iain Mac Neill ’na fhear-gnothuich do’n chuideachd so ann an Ceap Breatunn. Cha’n eil teagamh againn nach taghail e air moran de leughadairean MHIC-TALLA re an earraich ’s an t-samhraidh, agus tha sin an dùil nach bi aithreachas air neach sam bith a ni gnothuch ris. Posadh. —Aig a Phon Mhor, air an naodhamh latha deug dhe ’n mhios so, leis an Urr. W. A. Mac-a-Phearsain, a Johnstown, Iomhar I. Mac Neill (mac Sheumais) as an Rudna Mheadhonach, ri Caitriona Dhomhnullach, an Cobh nan Eireannach. Iadsan a Phaigh. I. A. Domhnullach, Portage laPrairie, Man Donnacha Johnson, Pictou, N. S. Beitiris Nic Neachdain, S. R. Lake, N. S. An t-Onorach Uilleam Ros, M. P., Halifax. A. G. Domhnullach, Antigonish, N. S. Iain I. Mac Gilleain, Lakedale, N. S. Ruairidh Mac Isaic, Maple Ridge, N. S. An t-Urr. S Friseal, St. Andrews, N. S. Iain M. Domhnullach, Stellarton, N. S. S. Mac Gille-bhràth, Pleasant Valley, N. S. Iain Muireach, Pleasant Valley, N. S. Iain Mac Isaic, Dunmore, N. S. Iain C. Domhnullach, Ardness, N. S. Alasdair Domhnullach, Antigonish, N. S. Aonghas Mac Isaic, Halifax, N. S. Capt. R. Moireastan, Halifax, N. S. D. C. Friseal, M. P., New Glasgow, N. S. R. I. Domhnullach, Bridge End, Ont. An Senator Cox, Toronto, Ont. Deorsa Sutharlan, Gravenhurst, Ont. Iain Mac-Calamain, Rudha Phrim, E. P. I. I. M. Mac-Mhannain, Beinn ’Ic-Mhannain. An t-Urr. R. Mac-Gilleain, Valleyfield. Rob Turnbull, Bourke, N. S. W., Aus. Murchadh Mac-a-Ghobha, Sidni. Micheal M. Mac Neill, Sidni. A. J. G. Mac-Eachuinn, Sidni. Bean Iain Weir, Sidni. Bean Iain Mhic-Nimhein, Catalone. Domhnull Mac Neacail, Catalone. Iain C. Mac Neill, Na Narrows Mhora. M. B. Domhnullach, Na Narrows Mhora. Aonghas I. Mac Neill, Rudha Ghilliosa. An t-Urr. D. Mac Isaic, Glendale. Micheal S. Mac Neill, Gleann Bharra. Domhnull M. Mac Neill, Eilean Christmas. Padruig Mac Gilleain, cul Eilean Christmas. Alasdair Caimbeul, Strath Lathuirn. C. M. Rothach, Boulardaire. Iain Domhnullach, Ceap Nor. Bean N. Mhic Guaire, am Bagh an Iar. Domhnull A. Gillios, Mabou Bheag. Gilleasbuig Beuton, Siudaig Bheag. S. D. Domhnullach, Acarsaid Mhargaree. A. A. Mac Pharlain, Bràigh Mhargaree. Iain Mac-an-fhucadair, Loch Ainslie. M. A. Mac a-Phearsain, Bridgeport. Ailean Mhoreastan, am Pon Mor. Seumas Mac Gilleain, Rathad a’ Chléirich. D. I. Mac Asguill, Iochdar L’Ardoise. Mrs McDonald, Gleann an Dathadair, C.B. Mrs A. Nic Eachunn, Port Hood. Mrs Nic Rath, an Amhuinn Mheadhonach. Uilleam D. Mac-an-Toisich, Bay St. Lawrence. Ailean Mac Gilleain, Ashfield. D. M. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach. Iain Mac Fhionghain, Rosedale. Bean Iain Mhic-Mhannain, Eel Cove. D. I. Mac Neill, Eilean Christmas. Uilleam F. Mac Fhraing, Acarsaid Mhabou Gilleasbuig Mac Gilleain, Beinn Young. Domhull R. Domhnullach, Whitney Pier. Domhull R. Domhnullach, Barrachois Har. Aonghas Gillios, Orangedale. Iain D. Beuton, Broad Cove. C. A. Mac Leoid, am Bagh an Iar. R. A. Domhnullach, an t-Eilean Fada. P. I. Mac Griogar, Ceap Nor. C. W. Mac-a-Phearsain, Ceap Nor. Iain Mac Gill-fhaollain, Roseburn. Ailean R. Domhnullach, Baddeck. Iain Moireastan, Lakedale. P. D. Mac-an-t-Saoir, Rathad nan Frangach. Mairi Nic Aonghais, Huntington. Gilleasbuig Mac Neill, Ceap Dauphin. Micheal Mac Neill, Washabuckt. Iain I. Mac-Dhuibhi, Amhuinn Mhurray. Caipt. Alasdair Mac Neill, Seattle, Wash. Mairi Stevenson, Shipka, Ont. Tha an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 272] [Vol. 9. No. 35. p. 8] Marbhrann do Thomas Friseal. LE MR. SEUMAS MAC-GRIOGAIR, D. D. Air Fonn:—Mac-Griogair a Ruadh-Shruth. Lion mulad ro mhor mi, Cha tog ceol e o m’ ìnntinn; Chuireadh caidreach mo shòlais Fo na foidibh gu h-iosal. Bha do chridhe ro bhlàth dhomh, ’S e mo chràdh thu bhith dhìth orm; Co a lionas dhomh t’ àite ’Measg na dh’ fhag thu ’san tir so. Bu tric ar n-uaigneas an seomar, ’S bhiodh ar còmhradh gun mhiothlachd; Cha bhiodh sgannal no sgleo ann. ’S bhiodh an còmhnuidh gràdh Chriosd ann. Bha thu measail mu ’n reachd ud, ’Chuireas peacaich fo dhiteadh; ’S cha b’ ain-fhios dhuit an cleachdadh ’Chuireas dreach air a Chriosdaidh. Bha thu misneachail, dàna, Bha thu làidir ’na t’ inntinn; Cha bu toil leat an t-àrdan, Is cha b’ àill leat e ’chinntinn. Bha thu uasal na d’ bheusaibh, Bha thu eudmhor mu ’n fhirinn; Bha thu foghainteach, treubhach ’Nuair a dh’ eireadh an strith aic’. B’e do ghnàth mu ’n do theasd thu Bhith ri d’ dhleasdanas sìnte; Anns gach dreuchd san do sheas thu Bha thu freasdalach, cìnnteach. Làmh ’thogail nan salm thu An taigh-searmain na sgìre; ’Chuireadh ’mach iad gu dealbhach, Gun chearbaich, gun diobradh. Ann an cléir is an seisein ’S tric a sheas thu droch shide; Ursainn-chatha na h-eaglais’ ’N aghaidh beagnair luchd mioruin. ’S tric a dh’ fhuiling thu ’n cùl-chainnt, Dh’ fhag do ghiulan fo bhinn iad; Dh’ fhàg do chaithris is t’ ùmhlachd Goirt, ciuirte ’n an cridh’ iad. Fàs do theaghlaich bu mhiann leat Anns an diadhachd nach diobair; Chleachd thu aoradh ’n am fianuis Gun a shianadh gu diomhair. ’S iomadh Sàbaid ’thug teist ort Nach robh leisge no sgios ort, Ann an teagasg dhaibh cheisdean Is an leas as a Bhiobull. Bha thu caoimhneil ri d’ nàbuidh, Thoill thu ’ghràdh is a shiochainnt; Bha thu fialaidh mu t’ fhàrdaich, Bu mhath ’phàirteachadh bìdh thu. Sheas thu gnothach na dùthcha Le làn chùram ’s le dichioll; Ma ’s ann air breth no air “Jury,” B’e do rùn a bhi dileas. Nam biodh do shliochd a bha cràiteach An la dh’ fhàg iad ’sa chill thu, ’Leantuinn t’ eiseimpleir àlainn, ’S e a b’ fhearr dhaibh na mìltean. Oran Do Chalum Caimbeul, Tighearna Bharra-mholaich, agus Fear Bhaile-Phétris, an Tireadh. LE GILLEASBUIG MAC-PHAIL. Luinneag. Togamaid fonn ’s neo-throm gu’n togamaid, Togamaid fonn le furan gu éislean, Togamaid fonn ’s neo-throm gu’n togamaid. Gu ma slàn do na h-uaislean Air Di-màirt a rinn gluasad Le an sgioba math, fuasgailteach, Deas, cruadalach, gleusda; ’Dhol air tir anns an Oban, Far an cruinnich iad còmhla, Air an tarruinn gu h-eolach Ann an òrdagh fo ’n éideadh. Cha ’n fheil leithid bhur caiptin Furasd’ fhaotuinn air chneasdachd, Fear a ghiulain is fhasain, Fear a chleachdainn ’s a cheutaidh, Fear ard aignidh ’s a chruadail— ’S e nach tilleadh roimh fhuathas, Gu ’m bu ghaisgeil a ghluasad An àm bualadh nan geur lann. ’M Barramolach do staoileadh, ’S aig do mhac gum biodh t’ oighreachd, ’Fhir a fhuair do chuid saibhris Saor bho fhoill is bho eucoir. Gu bheil t’ fhearann fo dhion duit Le bann daingeann bho ’n righ air; Is bha barantas cinnteach Aig do shìnnsireachd féin air. Tha thu spioradail, meanmnach, Foinnidh, daicheil, deas, calma; Tha thu smachdail, neo-chearbach, ’S mi gun earbadh a d’ thréinid. Bhiodh na Frangaich fo airsneal, ’S tu ga ’n ruagadh ’s ga ’n sgapadh, Is ga ’m fàgail fo d’ chasaibh, ’S iad gun chlaisteachd, gun léirsinn. ’S truagh nach glacadh tu ’m pòsadh Baintighearn’ eibhinn lan stòrais, ’S i am folachd ’s am fòghlum Anns gach doigh air do réir-sa. Is nan deanadh i àrach Mac a thigeadh a t’ aite, Bu toilinntinn le d’ chàirdean ’S leis na Gàidheil gu leir e. Ann ad thalla mor riomhach Gheibhteadh ceol is òl fiona Agus aighear ’s toilinntinn Is gach ni air a réir sin. Bhiodh daoin’ uaisle gach latha A tigh’nn ort as gach rathad, ’S dheant’ le sòlas am beatha An taigh-tathaich nan ceudan. Cha ’n e chuirm gun an còmhradh, ’Gheibheadh aoidhean mu d’ bhòrdaibh— Bhiodh a bhranndaidh gu ’r deoin ann, ’S sibh ag òl air a chéile, ’S uisge-beatha nam feadan, ’Nì na fearaibh a leagadh, ’S a bheir bodaich gu beadradh, Is gu freagairtean geura. ’S iomadh botul a thràighteadh Leis a chomunn chaomh, chàirdeil, De ’n leann fhallain, mhath, làidir, Ann am fàrdach na féile. Gu ’m biodh iomairt gu dian ann Air na cairtean ’s na dìsnean, Agus seirbhisich dhìleas A sior-dhioladh luchd-feuma. Thachair sgiorradh muladach ann an Louisburg Di-dòmhnaich s’a chaidh leis na chaill triuir dhaoine—Domhull Townsend, Fionnladh H. Townsend agus Seoras Dickson am beatha. Bha iad a tigh’nn á Battery Island—eilean a tha astar goirid a Louisbnrg—agus thatar a deanamh am mach gu’n deach am bat’ aca fodha. Bha iad uile pòsda, agus dh’ fhag iad teaghlaichean. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar a tha do Shuilean? N an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [TD 273] [Vol. 9. No. 36. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 8, 1901. No. 36. Na Baird Chrabhach. DH’ FHAODADH gu ’m biodh iomradh aithghearr air bàird chràbhach na linn a dh’ fhalbh—’s e sin bàird Ghaidhealach a sgriobh dàin no òrain spioradail eadar 1800 agus 1900—na ni a bhiodh taitneach le luchd-leughaidh a MHAC-TALLA. Tha cuid dhiubh sin air a bheil gach Gaidheal ach beag eolach, ach tha cuid eile dhiubh air nach ’eil sinn cho eolach ’s bu choir dhuinn. Bha bàrdachd Dhughaill Buchanain luachmhor le Gàidheil Alba o cheann fada, ach bhuineadh Dughall do ’n ochdamh linn deug. Chaidh a bhàrdachd aige ’chur an clò air son a cheud uair ann an 1767, bliadhna mu ’n do chaochail an t-ughdar. Buinidh Padruig Grannd do ’n linn mu ’m bheil sinn a sgriobhadh. Rugadh e anns a bhliadhna 1783 agus chaochail e anns a bhliadhna 1867, aig aois ceathair fichead bliadhna ’sa ceathair. Chaidh dàin Phadruig Ghrannd a chur an clò air tùs anns a bhliadhna 1813. Bha is tha luach aig na Gaidheil ga chur air obair an duine dhiadhaidh so. Bha “Dàin a chomhnadh crabhaidh” le Dr Seumas Mac Griogar air an cur an clò anns a bhliadhna 1819. Rugadh am ministeir ainmeil so ann a siorrachd Pheairt anns a bhliadhna 1762, agus chaochail e ann am Pictou, Nobha Scotia, anns a bhliadhna 1830, tri fichead bliadhna ’s a h-ochd a dh’ aois. Tha dòchas gun tig clo-bhualadh ùr de na dàin luachmhor so a mach an ùine ghearr. Cha ’n ’eil iad a nis ri faotainn ann am buthan leabhraichean. Sgriobh an t-Urr. Dr. Iain Domhnullach àireamh de dhàin spioradail. Co nach cuala iomradh air “Domhnullach na Toiseachd.” Rugadh e anns a bhliadhna 1779, agus chaochail e anns a bhliadhna 1849. Thainig an leabhar aige a mach ann an 1846. ’S esan a sgriobh “An Criosduidh aig bruach Iordain,” laoidh a tha làn de theagasg spioradail. Tha àireamh de bhàird Ghaidhealach na linn, a bharr orra sud air am faod sinn iomradh a thoirt aig àm eile. ’S e gu sonraichte am bàrd cliuiteach sin Iain Mac Ille-mhoire, mu ’n robh mi runachadh sgriobhadh aig an àm so. Rugadh “Gobha na Hearradh” anns a bhliadhna 1790. Bha e fuireach ann a Rodal, far an robh e ainmeil mar fhear-ceairde ann a làithean òige; agus an deigh sin bha e air a chur a mach leis an eaglais d’ am buineadh e mar fhear-ceasnachaidh, dreuchd anns an robh e gu àm a bhàis. Bha e na dhuiue eudmhor air taobh na firinn, a dol anns gach ceum a reir an t-soluis a bha aige. Shealbhaich e ard bhuadhan inntinn, agus bha e na bhàrd sonraichte. Dh’ eug e anns a bhliadhna 1852, aig aois tri fichead bliadhna ’sa dha. A measg nam bàrd a dh’ ainmich sinn cha ’n ’eil aon is geur-chuisiche na Iain Mac Ille-mhoire, no ni ’s comasaiche air a smaointinn a chur ann am briathran susbainteach, a tha air an cur gu comhnard an eagan a cheile. Bha eolas faireachail aige air nithe spioradail, agus bha comas anabarrach aige air na faireachduinean sin a chur ann an cainnt bhlasda agus so-thuigsinn. Anns an dàn “Tha duin’ òg ’us seann duin’ agam” tha e ’toirt dhuinn a chogaidh naomha, cha ’n ann anns an doigh anns a bheil Iain Bunyan ’ga thoirt dhuinn, ach na dhoigh thaitneach fhein. Thuirt neach eiginn ris a bhàrd gu ’m b’ iongantach e ’chur na laoidh ud air fonn cho eutrom. ’S ann an uair sin a chur e an rann mu dheireadh ris, mar so:— “Na meas fonn an t-seann duin’ eutrom, Ge b’ ard fhuaim am beul an t-saoghail; Fhuair mis’ e cho trom ’s gu ’n shaoil mi Gu ’m b’ shlainte dhomh saorsa o ’ealach. Cha deach bàrdachd an duine mhath so a chur an clò gus an deigh a bhàis. Chaidh beagan de na dàin aige a chlò-bhualadh o chionn fada an Alba, agus cuid diubh, mar an ceudna, an Canada. Chuir an t-Urr. C. Mac Leoid, Baile-nan-Gall, Ceap Breatunn, deich no dusan dhiubh an clò gu snasail anns a bhliadhna 1885. Ged ’bha roinn de obair Iain Ghobha mar sin air a thoirt am follais o àm gu àm, cha deach a chuid bàrdachd uile a chruinneachadh ri cheile an aon leabhar gus o chionn sia no seachd a bhliadhnaichean air ais. Bha ’n deagh obair so air a dheanamh le duine òg, cliuiteach, Mr Mac Ianraig, a bha aig an àm ud na fhoghlumaiche ann an aon de Oil-thighean na h-Alba, agus a tha nise na mhinisteir soisgeulach anns an dùthaich sin. Bha ’n clo-bhualadh deante le Gilleaspuig Mac-na-Ceardadh, nach maireann, an Glaschu. Tha mar an ceudna air a thoirt dhuinn anns an leabhar so, cunntas gasda air beatha an ughdair, air a sgriobhadh ann am Beurla. Tha againn ann an so, cha ’n e mhàin orain a Ghobha, ach, mar an ceudna, na fuinn aig àireamh dhiubh. Tha mi ’cur aon de na h-òrain a gheibhear anns an leabhar so ad ionnsuidh, a chum ’s gu faic do luchd-leughaidh sampull do bhàrdachd Iain Ghobha. C. C. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XIII. EOGHAINN BAN. BHA Culfraoin, an t-àite anns an robh Eoghainn Bàn a’ fuireach, car iomallach. Agus bha frìth fhiadh cho mor ach ainneamh ’s a bh’ anns a’ Ghaidhealtachd aig an àm ud dlùth air an fhearann aige. Bhiodh iad a’ fagail air Eoghainn, ma bha gus nach roch an fhìrinn aca, gu ’m bu tric leis sithionn fhiadh a bhith aige gu ’dhinnear. Chual’ an t-Uachdaran so; agus o nach robh toil aige dioghaltas a chaitheamh air Eoghainn, cha do chuir e de bhacadh air ach gu ’n d’ thug e ordugh do ’n mhaor-frìthe an gleus a thoirt bhar na mosgaid Spàintich a bh’ aig Eoghainn. Ach nam b’ fhior mar a chualas, bhiodh sithionn feidh aig Eoghainn air a’ bhord gu math tric an déigh gach cùise. Ma chuala gus nach cual’ am maor-frìthe so, cha do leig e dad air. Ged a rachadh e air chéilidh do thaigh Eoghainn, mar is minic a rinn e, cha leigeadh e air gu ’m biodh feòil moilt no sithionn féidh air a bheulaobh air a’ bhord. Mar a theireadh e fhein, cha bhiodh e modhail do dhuine sam bith ceisd a chur air muinntir an taighe mu thimchioll c’ait’ an d’ fhuair iad am biadh a bha iad ag itheadh; agus air an aobhar sin ghabhadh e gu toileach biadh math, glan sam bith a chuirteadh air a bheulaobh. Cha robh Eoghainn Ban a’ faicinn gu ’n robh e ’deanamh dad sam bith eas-onarach, no peacach an uair a bhiodh e ’beagachadh air àireamh nam fiadh a bha cho pailt anns an fhrìth. Bhiodh iad iomadh uair a’ cur call gu leòr air. An àm an fhoghair, gu h-àraidh a’ bhliadhn’ a bhiodh an t-abachadh fadalach, bhiodh na féidh a’ deanamh domail gu leor air an arbhar aige; agus o’n a bha so mar so, bha e ’smaointean nach bu ghniomh eas-onarach dha e fhein a chur ann an cois a challa air aon dòigh no dòigh eile. A bharrachd air so, cha robh duine sam bith, ach duine ainneamh, a’ creidsinn aig an àm ud, gu ’m bu pheacadh maide thoirt a coille, fiadh a thoirt a fireach, no breac a thoirt bhar linne. Ged a bha na nithean so air an toirmeasg, cha b’ ann mar sin bu lugha orra an gnothach dad. Bha, agus tha, agus bithidh daoine gu nàdarra toileach a bhith ’deanamh a’ cheart ni a tha air a thoirmeasg dhaibh leis an lagh. Ged a bha fhios aig gach aon a bh’ air an réiteach gu ’n robh ceathramh math féidh air am beulaobh air a’ bhòrd, agus ged a ghabh iad uile an roinn dheth, cha d’ fheoraich duine dhiubh c’ait’ an d’ fhuaradh e, no cia mar a fhuaradh e. Coma co dhiubh, feasgar an la-iar-na-mhàireach an uair a dh’ fhalbh a h-uile duine a bh’ air an réiteach dhachaidh ach Iain Camaran, agus Aonghas, thòisich Eoghainn Bàn is Aonghas ri bruidhinn a’ null ’s a’ nall mu thimchioll caochladh nithean. An uair a thug iad greis mhath air bruidhinn thuirt Aonghas, “Nach bu mhath reamhar an t-sithionn a bh’ againn an raoir? B’ ainneamh a chunnaic mi riamh sithionn cho math sid cho anamoch so air a’ bhliadhna.” “Cha ’n eil dad a dh’ ioghnadh ormsa an t-sithionn a bhith cho math sid. Is iomadh greim math dhe m’ chuid arbhair-sa a’ dh’ ith am fear ud o chionn dà bhliadhna. Is iomadh latha ’bha toil agam gréim fhaighinn air. Bha e anabarrach furachail. Ma bha fiosachd aig fiadh riamh, bha fiosachd aig an fhear ud. An uair a bhithinn as m’ fhaireachadh dh’ itheadh e a leòr dhe’n arbhar; agus ged a bhithinn ann an sgairt am falach ’ga fheitheamh fad an latha ’s na h-oidhche, cha tigeadh e na b’ fhaisge dhomh na gualann na beinn a’ deas. Ach fhuair mi gréim air mu dheireadh; ach ma fhuair, cha b’ ann gun strì. Mur b’ e gu ’n tugadh an gleus bhar a’ ghunn’ agam a thri bliadhna na taca so, cha robh e air uiread de chall a dheanamh orm ’s a rinn e. Chaidh mi bhar an aobrainn air a shàillibh, agus tha eagal orm nach dean mi a’ bheag de shiubhal a’ mhonaidh air a’ gheamhradh so,” ars’ Eoghainn. “Nam biodh fhios agamsa c’ àit’ am faighinn [TD 274] [Vol. 9. No. 36. p. 2] baidean dhiubh, cha bhithinn fad’ a’ toirt fear asda,” ars’ Aonghas. “Nam biodh mo ghunna fhein agam tha mi cinnteach gu ’n rachadh agam air fear dhiubh a leagadh. Cha ’n ann a chionn mi fhein ’ga radh, cha chreid mi gu ’m bheil fear eile anns an duthaich a’s cinntiche as a laimh na mi. Bha duil aig m’ athair nach robh na b’fhearr na e fhein ri ’fhaighinn; ach tha e nis ag aideachadh nach ’eil e idir cho cuimseach riumsa. Saoil sibhse, ’Eoghainn, nach ann a tha car de dh’ eud air a chionn gu ’m bheil mise na ’s cinntichte as mo laimh na e fhein. Ach tha ’fhradharc air a dhol air ais gu mor ged nach ’eil e fhein ’ga chreidsinn. Nach bochd nach robh rathad againn air fear no dhà a thoirt asda. Bu mhath am feum aig àm na bainnse. Nan robh dòigh agamsa air mo ghunna thoirt leam gun fhios do m’ athair, rachainn g’ a iarraidh gu math moch am maireach. Ach tha m’ athair cho faicleach ’s nach leig e leam gunna ’thoirt am mach air an dorus. Tha na gunnachan glaiste aige, agus tha ’n iuchair ’na phòcaid.” “Tha feidh gu leor dlùth air laimh, agus cha bu mhisd’ an fhrìth idir ged a bheirteadh fear is fear asda. O’n a tha ’n t-aite so cho iomallach agus cho sàmhach, is tric le moran dhiubh a bhith cruinneachadh ann mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. O nach ’eil duine sam bith a’ cur dragh orra, tha iad air fàs cho ciallach ’s nach teich iad gus an teidear gu math dlùth dhaibh. Agus o’n is tusa th’ ann, ’Aonghais, innsidh mise dhut doigh air an teid agad air fear dhiubh a mharbhadh. Theid thu anamoch a’ nochd le eallach arbhair suas gus an ruig thu creag mhor, chas a tha ri taobh na h-aimhne mu mhìle dh’astar as a so. Crathaidh tu sguab no dha dhe’n arbhar aig bonn na creige, agus an uair a bhios tu ’tilleadh air d’ ais, leigeadh tu as an dràsta ’s a’ rithist làn do ghlaice dhe ’n arbhar. Agus leanaidh tu air so gus an ruig thu bruaich an t-sruthain a tha mu chairteal a’ mhile as a so. Crathaidh tu an corr a bhios agad aig bun an t-sruthain. Direach mu choinneamh bun an t-sruthain air taobh eile na h-aimhne, tha bothaig bheag, agus tha uinneag air a’ bhothaig mu choinneamh an aite anns am fàg thu a’ chuid mu dheireadh dhe’ n arbar. Deireadh na h-oidhche, an uair a dh’ éireas na féidh as an àite laidhe, thig iad mar is trice sgriob a nuas o’n bheinn a dh’ ionnsuidh na creige. An uair a bhlaiseas iad air an arbhar aon uair, leanaidh iad air ’itheadh ceum air cheum gus an ruig iad bun an t-sruthain. Theid thusa do ’n bhothaig; agus an uair a thig iad an àite urachrach dhut, loisgidh tu orra am mach troimh ’n uinneig. A nis, feumaidh tu sradag theine a bhith agad; oir cha ’n ’eil gleus air a mhosgaid idir. Cuiridh mi fhein an uruchair innte o ’n is mi a’s eolaiche air na dh’ fheumas i dh’ fhùdar. Tha sorochan math anns a’ bhothaig air an cuir thu ’mhosgaid ’na laidhe. An uair a chi thu na féidh a’ tighinn, cuiridh tu fùdar anns an toll chluaise, agus bidh tu deiseil gus an t-sradag theine a chur ris an fhudar an uair a bhios na féidh ag itheadh an arbhair mu d’ choinneamh. Faiceam a nis gu ’n dean thu do ghnothach gu sgoinneil. Mur dean, cha ruig thu leas a bhith ’g ad mholadh fhein mar shealgair fhiadh ’nam eisdeachd-sa. Feumar teine beag a chur anns a’ bhothaig mu ’n teid sinn a laidhe, air dhòigh ’s gu ’m bi e deiseil ri d’ laimh anns a mhadainn. An uair a theid thu do’n bhothaig anns a’ mhadainn, cuiridh tu na h-eibhleagan gob ri gob, air eagal gu’n teid iad bàs. Agus gheibh thu boitein eitich anns a’ bhothaig, agus an uair a bhios tu deas gu losgadh air na féidh, cha bhi agad ach gas dhe ’n eitich a chur ’s an teine, agus a chur air an toll chluaise. A nis, ma bhios a’ ghaoth o’n deas, cha tig na féidh am faisge ort; oir fairichidh iad faileadh an teine air astar fada. Ach ma bhios a’ ghaoth o’n tuath, no o’n iar-thuath, thig iad dlùth gu leor dhut, ar neo is neonach leamsa. Mur b’ e mo chas a bhith cho goirt ’s a tha i, rachainn fhein do’ n bhothaig. Ach cha ’n urrainn domh a dhol a null air a’ chlachan. Faiceam a nis gu’n dean thu do ghnothach gu math ’s gu ro mhath.” Bha Eoghainn Ban car coma aig an àm ged nach biodh lamh aige ann am marbhadh nam fiadh. Bha fhios aige gu ’m biodh cuid air a’ bhanais a bhiodh ag innseadh a rithist a h-uile seorsa bidh is dibhe a gheibheadh iad; agus bha e toilichte gu ’m faodadh e radh nach b’ e fhein a marbh am fiadh, nan rachadh a mharbhadh, ach duine de mhuinntir taobh eile na dùthchadh. An uair a bha Eoghainn Ban ag innseadh a dh’ Aonghas mar a rachadh aige air fear dhe na féidh a mharbhadh, cha robh anns an t-seomar ach iad fhein le chéile. Bha Iain Camaran agus Mor a’ diùiris anns a’ chùltaigh, agus bha bean an taighe, agus té no dithis dhe na banachairdean gu trang a’ deasachadh na dinnearach. Fhad ’sa bha na fir a’ bruidhinn, bhlais iad uair no dhà air deur dhe na bh’ anns a’ phige. O’n a bha Aonghas an oidhche roimhe sid a’ riarachadh an uisge bheatha, cha do ghabh e ach fior bheagan dheth. Agus chuir Iain Camaran ’na fhaireachadh e air eagal gu ’n tugadh e tuilleadh ’s a’ choir do dh’ Eoghainn Ban; oir ged a bha Eoghainn ’na dhuine-còir, gasda ann an iomadh dòigh, chuireadh beagan ghlaineachan dhe ’n uisge bheatha a cheann cho mor troimh a cheile ’s nach robh fhios ciod a theannadh e ri radh, no ri dheanamh ann an làthair na cuideachd. O’n a bha fhios aig Aonghas nach d’ fhuair Eoghainn an oidhche roimhe sid ach gann a roinn fhein dhe na bh’ anns a' phige, thug e lamh air a’ bhotul o nach robh anns an t-seomar ach iad fhein. Chuir iad seachad na bha rompa dhe ’n fheasgar gu comhraiteach, cairdeil mar bu ghnàth le daoine a dheanamh aig a leithid sid de chomhdhail. (Ri leantuinn.) An Gille Carach Mac na Bantraich. (Seann Sgeulachd). (Air a leantuinn). TRA a chaidh muinntir an righ a stigh do ’n tigh-thaisg fhuair iad colunn gu ’n cheann anns an togsaid phic; ach cha b’ urrainn daibh aithneachadh co e. Dh’ fheuch iad am faigheadh iad aon air bith a dh’ aithneachadh air aodach e, ach bha aodach comhdaichte le pic, air doigh is nach b’ urrainn daibh aithneachadh. Dh’ fharraid an righ comhairle an t-seanaghal ma dheighinn. Agus is e a chomhairle a thug an seanaghal orra iad a chuir na coluinn an aird air bhair shleaghan, ’s na saighdearan gu a giulan o bhaile gu baile, a sheall am faiceadh iad aon air bith a ghabhadh truaghs deth, na a dh’ fheuchainn an cluinneadh iad a h-aon air bith a dheanadh glaodh gointe tra chitheadh iad e, na ged nach faiceadh, gu ’m bitheadh iad ealamh gu glaodh gointe a dheanamh, tra bhitheadh na saighdearan a dol seachad leis. Chaidh a choluinn a thoirt as an togsaid phic ’s a cuir air bharr nan sleaghan, ’s bha na saighdearan g’a ghiulan an aird air bharr nan sleaghan fada crannach aca, ’s iad a dol o bhaile gu baile leis. Agus tra bha iad a dol seachad air tigh an t-saoir rinn bean an t-saoir sgreuch ghointe, agus ghrad ghearr an gille carach e-fein leis an tàl, ’s theireadh e ri bean an t-saoir, “Cha ’n ’eil an gearradh cho dona ’s a tha thu a smuainteachadh.” Thainig an ceannard ’s cuid do na saighdearan a stigh agus dh’ fharraid iad, “Cia dé a dh’ fhairich bean an taighe?” Thubhairt an gille carach, “Thà gu ’m bheil mise air gearradh mo choise leis an tàl, agus tha eagal aice romh fhuil.” Agus theireadh e ri bean an t-saoir, “Na bitheadh na h-uibhir eagail ort, leighisidh e na ’s luaithe na tha thu a smaoin teachadh.” Shaoil na saighdearan gu ’m b’e an gille carach an saor, agus gu ’m b’e a bhean a bha aig an t-saor bean a ghille charaich, agus dh’ fhalbh iad a mach, ’s chaidh iad o bhaile gu baile, ach cha d’ fhuair iad a h-aon tuille, ach bantrach an t-saoir i fhein, a rinn glaodh na sgreuch tra a bha iad a tighinn seachad orra. Thug iad a cholunn dachaidh chum tigh an righ. Agus ghabh an righ comhairle eile o’n t-seanaghail aige, ’s b’e sin: a cholunn a chrochadh ri crann ann an àite follaiseach, agus saighdearan a chuir a thabhairt aire air nach tugadh gin air falbh e, ’us na saighdearan gu a bhith a sealltainn an tigeadh feadhainn air bith an rathad a ghabhadh truaghs na doilghios deth. Thainig an gille carach seachad orra, agus chunnaic se iad; chaidh e agus fhuair e each, agus chuir e buideal uisge-bheatha air gach taobh do ’n each ann an sac, ’s chaidh e seachad air na saighdearan leis, ’s e mar gu ’m bitheadh e a’ fuireach am falach orra. Shaoil na saighdearan gu ’m b’ ann a thug se rudeiginn air falbh orra, no gu ’n robh rudeiginn aige nach bu chòir d’ a a bhith aige, agus ruith cuid diubh air a dheigh, ’s bheir iad air an t-seann each ’s air an uisge-bheatha, ach theich an gille carach, ’s dh’ fhàg e an seann each ’s an t-uisge-beatha aca. Thug na saighdearan an t-each ’s na buideil uisge-bheath’ air ais far an robh a’ cholunn an crochadh ris a’ chrann. Sheall iad cia dé a bha anns na buideil, ’s tra thuig iad gur e uisge-beatha a bha ann, fhuair iad còrn ’s thoisich iad air ol, gus mu dheireadh gu ’n robh na h-uile h-aon diubh air mhisg, ’s laidh ’s chaidil iad. Tra chunnaic an gille carach gu ’n robh na saighdearan ’nan luidhe ’s nan cadal air a mhisg, thill e ’s thug e a nuas a’ cholunn far a’ chroinn, chuir e crosgach air druim an eich e ’s thug e dachaidh e; chaidh e an sin agus dh’ adhlaic e a’ cholunn anns a ghàradh far an robh an ceann. Tra a dhuisg na saighdearan as an cadal, bha a cholunn air a ghoid air falbh. Cha robh aca air ach dol ’s innse do ’n righ. An sin ghabh an righ comhairle an t-seanaghal. Agus thubhairt an seanaghal riutha, na bha anns an lathair, gu ’m b’e a chomhairle dhaibh, iad a thoirt muc mhor dhubh a bha an siod, ’us iad a dh’ fhalbh leatha o bhaile gu baile, agus tra thigeadh iad thun an aite far am bitheadh a’ cholunn adhlaicte, gu ’m buraicheadh i an àird e. Chaidh iad ’s fhuair iad a mhuc dhubh, ’s bha iad a dol o bhaile gu baile leatha, a dh’ fheuchainn am faigheadh i am mach c’aite an robh a’ cholunn air a h-adhlac. Chaidh iad o thigh gu tigh leatha gus mu dheireadh gu ’n d’ thainig iad gus an tigh far an robh an gille carach agus bantrach an t-saoir a chomhnuidh. ’Nuair a rainig iad leig iad a mhuc ma sgaoil [TD 275] [Vol. 9. No. 36. p. 3] air feadh an talmhuinn. Thubhairt an gille carach riutha gu ’n robh e-fein cinnteach gu ’m bitheadh paghadh ’s acras orra, gu ’m b’ fhearr daibh dol a stigh do ’n tigh, ’s gu ’m faigheadh iad biadh ’s deoch, ’s iad a leigeil an sgiths dhiubh, an tim a bhitheadh a mhuc ag iarraidh ma thimchioll an àite aige-san. Chaidh iadsan a stigh, ’s dh’ iarr an gille carach air bantrach an t-saoir i a chur biadh ’s deoch air beulaobh nan daoine. Chuir bantrach an t-saoir biadh ’s deoch air bòrd, ’s chuir i air am beulaobh e, ’s an tim a bha iadsan ag itheadh am biadh chaidh an gille carach a shealltuinn an deigh na muice, ’s bha a mhuc air amas air a choluinn anns a ghàradh, ’s chaidh an gille carach agus fhuair e sgian mhor agus ghearr e an ceann di, agus dh’ adhlaic e i-fhein ’s a ceann lamh ris a choluinn aig an t saor anns a ghàradh. Tra a thainig an fheadhainn air an robh curam na muic’ a mach, cha robh a mhuc ri fhaicinn. Dh’ fharraid iad do ’n ghille charach am faca e i. Thubhairt esan gu ’m faca, gu ’n robh a ceann an àird agus i ag amharc suas, agus a dol da na tri a cheumannan an drasda ’s a rithisd. Agus dh’ fhalbh iadsan le cabhaig mhòir an taobh a thuirt an gille carach a chaidh a’ mhuc. Tra fhuair an gille carach gu ’n deach iadsan as an t-sealladh, chuir e gach ni air doigh nach amaiseadh iadsan air a mhuic. Chaidh an fheadhainn air an robh curam na muice agus dh’ iarr iad i na h-uile rathad anns am bu choltach i a bhith. An sin tra nach b’ urrainn daibh a faotainn, cha robh aca air ach dol gu tigh an righ, agus innse mar a thachair. An sin chaidh comhairle an t-seanaghal a ghabhail a rithisd. Agus is e a’ chomhairle a thug an seanaghal orra, iad a chuir nan saighdeirean a mach air feadh na duthcha air cheithearnan, agus cia aite air bith am faigheadh iad muic-fheoil, na cia aite air bith am faiceadh iad muic-fheoil, mar b’ urrainn do ’n fheadhainn sin a leigeadh fhaicinn cia mar a fhuair iad a mhuic-fheoil a bhitheadh aca, gu ’m b’ iad sin an fheadhainn a mharbh a mhuc ’s a rinn na h-uile cron a chaidh a dheanamh. Chaidh comhairle an t-seanaghail a gbabhail ’s na saighdearan a chur a mach air cheithearnan air feadh na dùthcha, ’s bha buidheann dhiubh ann an tigh bantrach an t-saoir far an robh an gille carach. Thug bantrach an t saoir an suipeir do na saighdearan, ’s bha cuid do ’n mhuic-fheoil air a deanamh deas daibh, agus bha na saighdearan ag itheadh na muic-fheoil, agus ga sàr mholadh. Thuig an gille carach cia dé a bha air an aire, ach cha do leig e dad air. Chaidh na saighdearan a chuir a luidhe a mach anns an t-sabhal, agus tra bha iad ’nan cadal, chaidh an gille carach a mach agus mharbh se iad. An sin chaidh e cho luath ’s a b’ urrainn da o thigh gu tigh far an robh na saighdearan air cheithearnan, agus chuir e an ceill do mhuinntir nan taighean gu ’m b’ ann a chaidh na saighdearan a chuir a mach air feadh na dùthcha, gu iad a dh’ eireadh air feadh na h-oidhche agus an sluagh a mharbhadh anns na leapaichean aca, agus fhuair e a thoirt air muinntir na duthcha chreidsinn gun do mharbh muinntir gach taighe na bha do shaighdearan ’nan cadal anns na sabhailean aca. Agus an uair nach d’ thainig na saighdearan dachaidh aig an tiom bu chòir daibh, chaidh feadhainn a shealltuinn cia dé a thainig riutha. Agus tra rainig iadsan is ann a fhuair iad na saighdearan marbh anns na saibhlean, far an robh iad ’nan cadal. Agus dh’ aicheadh muinntir gach taighe gu ’n robh fios aca ciamar a chaidh na saighdearan a chur gu bàs, na co a rinn e. Chaidh na daoine a bha ris an rannsachadh air son nan saighdearan gu tigh an righ, agus dh’ innis iad mar a thachair. An sin chuir an righ fios air an t-seanaghal, a dh’ fhaotainn comhairle uaithe. Thainig an seanaghal, agus dh’ innis an righ dha mar a thachair, agus dh’ iarr an righ comhairle air. Agus is e a chomhairle a thug an seanaghal air an righ, e a dheanamh cuirm agus iob-dannsa (a ball) ’s e chuireadh sluagh na dùthcha, agus nam bitheadh am fear a rinn an cron an sin, gu ’m b’e am fear bu dàna a bhitheadh an sin, agus gun iarradh e nighean an righ fein a dhannsa leis. Chaidh an sluagh iarraidh a chum na cuirm ’s an dannsa. Agus a measg chàich chaidh an gille carach iarraidh. Tra a bha a’ chuirm seachad thoisich an dannsa, agus chaidh an gille carach is dh’ iarr e nighean an righ gu dannsa leis; agus bha searrag làn do rud dubh aig an t-seanaghal, agus chuir an seanaghal ball dubh de ’n rud a bha anns an t-searrag air a ghille charach; ach bha le nighean an righ nach robh a falt gle mhath ann an ordugh, ’s chaidh i do sheomar taobhaidh gus a chuir ceart, agus chaidh an gille carach a stigh leatha, ’s tra sheall ise anns a ghloine sheall esan cuideachd ann, ’s chunnaic e am ball dubh a chuir an seanaghal air. Tra dhanns iad gus an robh am port ciuil seachad chaidh an gille carach agus fhuair e cothrom air an t-searrag aig an t-seanaghal a ghoid uaithe gun fhios d’a, agus chuir esan da bhall dubh air an t-seanaghal, agus aona bhall dubh air fichead fear eile, ’s chuir e an t-searrag air ais a rithis far an d’ fhuair se i. Eadar sin ’s ceann ghreis, thainig an gille carach a rithist ’s dh’ iarr e nighean an righ gu dannsa. Bha searrag aig nighean an righ cuideachd, ’s chuir i ball dubh air aodann a ghille charaich, ach fhuair an gille carrach an t searrag a thiulpa as a poca gu ’n fhios di, agus bho ’n a bha da bhall airsan, chuir e da bhall air fichead fear eile anns a chuideachd, agus ceithir buill dhubh air an t-seanaghal, ’s fhuair an gille carach ealadh far an robh nighean an righ, agus an t-searrag a thiulpa na poca a rithist. Sheall an seanaghal agus bha ’shearag dhuibh aige, sheall nighean an righ ’s bha a searaig fein aicese. An sin ghabh an seanaghal ’s an righ comhairle, agus is e a chomhairle sin a rinn iad, a righ an thighinn do ’n chuideachd, agus e a radh gu ’m b’ anabarrach tapaidh a dh’ fheumadh am fear a rinn na h-uile cleas a chaidh a dheanamh a bhith—na ’n tigeadh e air aghaidh ’s e fein a thoirt suas, gu ’m faigheadh e nighean an righ ri phòsadh agus darna leth na rioghachd an fheadh is a bhitheadh an righ beò, agus an t-iomlan do ’n rioghachd an deigh bàs an righ. Agus thainig na h-uile gin do ’n fheadhainn aig an robh an da bhall dhubh air an aodann, agus thubhairt iad gu ’m b’ iadsan a rinn na h-uile tapadh a chaidh a dheanamh. An sin chaidh an righ ’s an àrd-chomhairie, a dh’ fheuchainn ciamar a ghabhadh a chuis socrachadh; agus is e a chuis a shocraich iad, na h-uile fear aig an robh an da bhall dhubh air an aodann a chuir comhla ann an seomar, agus bha iad gu pàisde fhaotainn, agus bha nighean an righ gus ubhall a thoirt do ’n phàisde, agus bha am pàisde gus a chuir a stigh far an robh na fir aig an robh na buill dhubh air an aodann nan suidhe, agus ge b’e h-aon air bith do ’n tugadh am pàisde an t-ubhall, b’e sin an t-aon a bha gus nighean an righ fhaotainn. Chaidh sin a dheanamh. Agus tra chaidh am pàisde a chuir a stigh do ’n t-seomar anns an robh na fir, bha sliseag ’s dranndan aig a ghille charach ’s chaidh am pàisde ’s thug se an t-ubhall da. Chaidh an sin an t sliseag ’s an dranndan a thoirt o’n ghille charach, agus a chuir na shuidhe ann an àite eile, agus chaidh an t-ubhall a thoirt do ’n phàisde a rithist, agus a thoirt a mach as an t-seomar ’s a chuir a stigh a rithist a sheall co dha a bheireadh e an t-ubhall, agus o’n a bha an t-sliseag ’s an dranndan aig a ghille charach roimhe, chaidh am pàisde far an robh e a rithist ’s thug se dha an t-ubhall. An sin fhuair an gille carach nighean an righ ri phosadh. Agus goirid na dheigh sin bha nighean an righ ’s an gille carach a gabhail sràide do Bhaile-cliabh, agus ’nuair a bha iad a dol thairis air drochaid Bhaile-cliabh dh’ fharraid an gille carach do nighean an righ cia ainm a bha air an àite sin, agus dh’ innis nighean an righ gun robh drochaid Baile-cliabh ann an Eirinn; agus thubhairt an gille carach, “Ma ta, is tric a thubhairt mo mhàthair riumsa gu ’m b’e bu deireadh dhomh a bhith air mo chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn, ’s rinn i an fhàisneachd sin dhomh iomadh uair, tra bhithinn a deanamh phrat oirre.” Agus thubhairt nighean an righ, “Mata ma shanntaich thu fein crochadh thairis air taobhann an drochaid, cumaidh mise an àird thu tacan beag le mo neapaigean poca.” Agus bha iad ri cainnt ’s ri aighear mu dheidhinn, ach ma dheireadh bha leis a ghille charach gu ’n deanadh se e airson àbhachd, agus thug nighean an righ a mach a neapaigean poca, agus chaidh an gille carach thair an drochaid, agus chroch e ri neapaigean poca nighean an righ, ’s i ga leigeadh fhein thairis air taobhan na drochaid, ’s iad a gaireachdaich ri cheile. Ach chuala nighean an righ eubh, “Tha caisteal an righ a dol ri theine!” agus chlisg i, agus chaill i a greim air an neapaigean agus thuit an gille carach sios agus bhuail a cheann ri cloich ’s chaidh an eanchainn as, ’s cha robh anns an eubh ach fàlrasg cloinne, ’s b’ eiginn do nighean an righ dol dachaidh na bantraich. (A’ chrioch). Agus a nise, on tha Ryan air a dhol gu buileach as an t-sealladh, agus a tha gach neach a’ creidsinn gu bheil an obair-iaruinn agus baile Shidni sàbhailte, tha daoine ’g éiridh suas ’nar measg a dh’ innse dhuinn cho teòma ’sa bha iad féin ’s mar a bha iad a’ cur teagamh ’na sgeul ’nuair a bha càch uile ’ga creidsinn. Chaidh iad so, fear mu seach, do’n taigh-òsda ’san robh Ryan, agus chuir iad crith air le ceistean a chur air nach b’ urrainn e fhuasgladh, agus le nithean fheòrach dheth nach robh e comasach a fhreagairt. Agus cha d’ thubhairt na daoine glice facal mu na cùisean so aig an àm, ach bheachd-smuainich iad orra gus ’n do sgioblaich Ryan a chasan ’s an do thill e do’n tir as an d’ thainig e. Agus an sin labhair iad. Agus feuch gheibhear sgeul nan daoine so, agus na ceistean a chuir iad ann am paipearan na seachdain so agus na seachdain s’a tighinn. Agus tha gach sgeul dhiubh sin fior agus airidh an creidsinn. Tha fear Tormad Mac Ille-mhaoil a comhnaidh ann a Beinn a Mharmoir, an siorrachd Inbhirnis, an Ceap Breatunn, a tha ceud agus seachd bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an siorrachd an t-Sutharlanaich, an Alba, ’sa bhliadhna 1794. Ann an 1815 ghabh e ’san arm fo chomannd Diuc Wellington, agus leonadh e gu dona beagan lathaichean romh bhlar Waterloo. Tha a dha dheug de theaghlach aige, ceithir fichead ’sa tri de dh’ oghaichean, da cheud ’sa tri deug de dh’ iar-oghaichean, agus a naodh deug de dhu-oghaichean. Tha e ann an slàinte mhath, agus coltas air gu ’m bi e beò àireamh bhliadhnaichean fhathast. [TD 276] [Vol. 9. No. 36. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, AM MART 8, 1901. THA Diuc agus Ban-Diùc Chornwall a’ dol a thigh’nn air chuairt ghoirid do Chanada air an t-samhradh s’a tighinn air an turus dhachaidh á Australia. Tha aig an Diùc ri ceud phàrlamaid na comh-fhlaitheachd ùire, Australia, fhosgladh. Bha e air a chur air leth le Ban-righ Victoria air son sin a dheanamh ’na h-ainm-se, agus an deigh a bàis, rùnaich Righ Iomhar a Seachd, ged bu chruaidh leis dealachadh ri mhac, oighre ’chrùin, gu ’m biodh a toil air a dheanamh. Tha an Diuc air an aobhar sin a dol do Australia, ’s mar a dh’ ainmich sinn, bheir e cuairt troimh Chanada air a thilleadh. THA aon de na paipearan ag radh gu bheil bean àraid ann am baile Halifacs a tha cur roimpe an tuagh a ghabhail do thaighean-oil a bhaile sin, mar a tha Carrie Nation a deanamh ann an Kansas. Ma tha baile an taobh so de Kansas fhéin a chuireadh feum air a leithid ’se am baile sin Halifacs. Tha an lagh ’ga bhristeadh gach latha dhe’n bhliadhna ’s gach uair dhe ’n latha fa chomhair nam maor, an luchd-riaghlaidh ’s an t-sluaigh, ach cha’n eilear a’ gabhail cùram sam bith dhiubhsan a tha ’g a bhristeadh. Agus mur éirich leithid Carrie Nation ’nam measg tha e ro choltach gu’ n lean cùisean direach mar a tha iad. THA pàrlamaid nan Staidean aig an àm so gu trang ag obair air dealbh stéidh-riaghlaidh do Chuba. A reir gealladh na dùthcha sin tha aice ri Cuba fhàgail ’na dùthaich shaoir; cha robh aig na Stàidean ri dheanamh a thaobh an eilein ach a thoirt á làmhan na Spàinne, agus a chur air obair mar chomh-fhlaitheachd bhig air a riaghladh le a sluagh féin. Rinn na Stàidean a’ cheud chuid dhe ’n ghealladh sin a choilionadh—Cuba a thoirt á làmhan na Spainne, agus bidh a chuid eile air a choilionadh an ùine ghearr, mur fàs buill na pàrlamaid sanntach ’s gu’n dean iad Cuba mar aon de na Stàidean. Aig an àm so tha pàrlamaid agus luchd-riaghlaidh nan Stàidean deònach riaghladh Chuba fhàgail an laimh nan Cubanach fhéin, ach gu feum iad a bhi fo ard-thighearnas do na Staidean ’nan déiligeadh ri dùthchannan eile. Tha na Cubanaich deònach gu leòr a bhi fo dhion nan Staidean, agus a bhi cinnteach gu faigh iad cuideachadh bho riaghladh na dùthcha sin uair sam bith a chuirear feum air, ach a bhi fo ard-thighearnas do na Staidean no do dhùthaich sam bith eile, cha ’n eil iad air son a bhi ’na leithid do shuidheachadh idir. Tha e mar sin ro choltach gu ’m bi eas-còrdadh nach beag eadar an da dhùthaich, agus cha eil fhios nach bi e cho doirbh do na Staidean a cumhachan a sparradh air Cuba ’sa bha e an t-eilean sin a thoirt o’n Spainn. THAINIG sgeul deireadh na seachdain s’a chaidh gu robh an t-arm Breatunnach an deigh am Boereach tapaidh sin, an Seanalair DeWet, a chròthadh a stigh ann an luib de ’n abhainn mhor Orange, ’s gu’n robh e ro choltach gu ’m biodh e air a ghlacadh. Ach thainig sgeul eile o chionn latha no dha air ais, agus cha’n eil De Wet ’nan lamhan fhathast. Shnàmh e-féin ’sa dhaoine thairis air an abhainn ’s mar sin fhuair iad as. Ged nach eil De Wet ach gle amaideach ann a bhi seasamh an aghaidh an airm Bhreatunnaich, ’s fhios aige gu feum e géilleadh air a cheann mu dheireadh, cha ’n urrainnear gun a bhi ’ga mholodh air son a thapadh ’sa dheagh sheanailearachd. A REIR fiosan a tha tighinn á Ottawa, tha e gle choltach gu ’n cuir àireamh mhor de bhuill na h-àrd-phàrlamaid mar dhleasdanas air an riaghladh an tuarasdal bliadhnail a thogail o mhile dolair gu coig ceud deug. Cha ’n eil fhios co-dhiu ghabhas no nach gabh an riaghladh os laimh sin a dheanamh, ach cha’n eil teagamh sam bith nach biodh a mhor chuid air da thaobh an taighe gle dheònach am barrachd a ghabhail. Ach bu chòir do ’n riaghladh air tùs a bhi cinnteach gu ’m biodh e ceart an tuarasdal àrdachadh. Tha fhios aig na h-uile gu bheil a phàrlamaid gach bliadhna cruinn moran na ’s fhaide na dh’ fheumadh i; gu bheil lathaichean, seachdainean agus eadhon miosan air an cur seachad ann an deasboireachd gun fheum ’s ann an òraidean fada briathrach gun bhrigh, air an liubhairt le daoine nach do chuir ri chéil’ ìad, daoine dh’ am biodh e moran na bu chliùtiche suidhe gu socair sàmhach na bhi sruthadh a mach òraidean ris nach eile duine ’g éisdeachd ach iadsan d’ an dleasdanas an sgriobhadh as an deigh. ’Nan rachadh glas-guib a chuir air ceud no dha dhiubhsan a bhios mar sin a cosg na h-ùine, cha ’n eil fhios nach fhaodadh an taigh sgaoileadh cho tràth gach bliadhna ’s gu ’m biodh mile dolair na lan thuarasdal air son na h-ùine bhiodh iad cruinn. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life Association. Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871. ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. Teachd-a-stigh os Ceann Millean ’sa Bhliadhna. Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 277] [Vol. 9. No. 36. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh mèinn ghuail ann an Staid Utah ’na teine o chionn ghoirid, agus bha da fhichead ’sa naodh de na mèinneadairean air an losgadh gu bàs. Aig Glace Bay Di-mairt, chaidh fear Tearlach Domhnullach a ghoirteachadh eadar da char a bha e ceangal ri cheile; bha te dhe chasan air a bristeadh, agus bha e air a ghearradh gu dona ’sa cheann agus air a bhruthadh ’sa chollunn. Chaidh tigh ’na theine ann an Guysboro maduinn Di-dònaich s ’a chaidh, agus bha bean a bha ’na laidhe tinn ann, Mrs Lillien Dale, a losgadh gu bàs. Cha d’rinn càch ach gann faotainn as le’m beatha. Bhuinneadh an tigh do Chaipt. S. C. Peart, agus b’ fhiach e mu choig mile dolair. Bha dùil ri Sir Wilfrid Laurier a dhol do Australia gu bhi làthair aig fosgladh ceud phàrlamaid na comhfhlaitheachd sin. Tha e soilleir a nise nach bi e comasach dha an turus a ghabhail, oir tha cho liutha dleasdanas m’a choinneamh an Canada ’s nach urrainn da an dùthaich fhàgail. Tha Mr Mullock ri dhol do Australia os leth an riaghlaidh an àite Sir Wilfrid. Tha Carrie Nation fhathast ’sa phriosan ach bidh i air a cur m’a sgaoil an ùine ghearr. Tha i ’g innse do luchd nam paipearan-naigheachd gu bheil i ’n dùil, cho luath ’sa gheibh i ’mach, tòiseachadh air bristeadh nan taighean-òil a rithist. Cha’n eil i idir sgith dhe’n obair sin; tha dòchas aice bhi rithe gus an an cuir i crioch air na taighean-òil an Kansas, no gus an cuir luchd nan taighean-òil crioch oirre fein. Chaochail dithis dhaoine an Gàidhealtachd na h-Alba o chionn ghoirid air am bi ionndrain mhor re iomadh bliadhna, an t-Urr Dotair Stiùbhart, am Braigh Lochabair, agus Tearlach Friseal Mac-an Tòisich, an Inbhirnis. Feuchar anns an ath àireamh dhe ’n MHAC-TALLA ri iomradh goirid a thoirt air beatha nan uaislean so nach maireann, agus air an obair a rinn iad air son leas agus oilean nan Gàidheal agus na Gàidhealtachd. Anns an da bhliadhn’ deug, 1887 gu 1899, chaochail 31,699 ann an Ontario leis a’ chaitheamh, agus anns an ùine cheudna leis a bhric 21. Tha eagal mor air daoine romh ’n bhric, agus cha’n eil uair a bhios i ann am baile no air dùthaich nach deanar gach uile dhichioll air cur as di. Ach ged a tha chaitheamh a toirt air falbh dlùth air coig ceud deug duine mu choinneamh gach aon a tha ’bhreac a toirt air falbh, ’s e dichioll gle bheag a tha daoine deanamh air a seachnadh. Chaidh fear Daniel Sloan a thilgeadh aig mèinn an Dominion, oidhche Di-satharna s’a chaidh. Bha e fein agus companach dha a’ cur dragh air Sineach a tha cumail taigh-nigheadaireachd anns an àite sin. An deigh dhaibh gach mi-mhodh eile chunnaic iad iomchuidh a dheanamh, bhrist iad uinneagan an taighe aige, agus an sin smaoinich an Sineach gu robh an t-àm aige e fein a dhion, agus loisg e da urchair orra. Chaidh aon de na peilearan ann an sliasaid Sloan, a deanamh lot cunnartach. Shil e moran fala ach thatar a deanamh dheth nach caill e a bheatha. Tha a ghriùthrach gu math pailt air feadh na dùthcha aig an àm so. Tha i gu math dona an àiteachan, agus daoine a’ caochladh leatha. Cha ’n eil a ghriùthrach na cùis-eagail sam bith do’n òigridh, ach do mhuinntir a tha air tigh’n gu aois tha i ’na tinneas cunnartach. Chaidh duin’ òg d’am b’ainm O’Brien, a ghlacadh ann an Sidni Tuath o chionn da sheachdain air ais, ’sa thoirt gu Amherst, far an robh e air fheuchainn air son a bhi faotainn airgeid o mhuinntir gun an luach a gheall e a thoirt dhaibh air a shon. Fhuaireadh ciontach e, agus thugadh ceithir bliadhna dhe ’n tigh-obrach dha. Tha an t-side anabarrach caochlaideach o chionn seachdain no dha air ais; latha bhios i briagha blath, latha fuar reòta, latha ’sileadh uisge, ’s latha ’cur an t-sneachda. Ach ’s àbhaist do’n Mhàrt a bhi car caochlaideach mar so; tha dòchas againn gu faodar an caochladh side so a ghabhail mar chomharradh gu bheil druim a gheamhraidh air a bhristeadh. Bha Uilleam Mac-Fhionnlaidh air a chur a stigh os ùr mar Ard-uachdaran nan Staidean Di-luain, dreuchd air son an robh e air a thaghadh leis an t-sluagh ann an Nobhember s’a chaidh. Tha e nis air inntreachadh air na ceithir bliadhna mu dheireadh dhe riaghladh, oir a reir àbhaist nan Staidean, cha’n fhaod an aon duine bhi aca mar ard-uachdaran na’s fhaide na ochd bliadhna, agus bha Mac-Fhionnlaidh ’san dreuchd re nan ceithir bliadhna dh’ fhalbh. Aig aon de na ceud choinneamhan a bha aig Comhairl’ ùr a bhaile air a’ mhios a dh’ fhalbh, chuir iad an Cuimeanach á dreuchd mar fhear-obrachaidh na Scott Act, agus chuir iad Donnachadh Mac Eachairn, an t-àrd-mhaor, ’na àite. Chaidh Mac Eachairn gun dàil a dh’ obair, ach cha do sguir an Cuimeanach fhathast. Tha esan ag radh nach robh cumhachd sam bith aig uaislean na comhairle a chur á dreuchd gu ceann bliadhna, agus tha e dol a leantuinn roimhe, ’s mur pàighear e air son a shaothair, bheir e a thuarasdal bhar a’ bhaile leis an lagh. Tha mar so, a reir coltais, da inspector gu bhi againn air a’ bhliadhna so. Tha ’n iomguin ’s an ùpraid a bha air an cur air chois anns an àireamh mhor de bhailtean Chanada a thaobh creic obraichean-iaruinn Shidni, air a dhol bàs. Tha Ryan, am fear a bha ma b’fhior an deigh an ceannach a dheanamh, air a dhol as an t-sealladh; cha’n eil sgeul no forthais air an nise, agus tha an obair-iaruinn a’ dol air adhart mar a bha i roimhe. Gus a dheanamh cinnteach do dhaoine nach robh ’na bheachd an obair-iaruinn a chreic, tha Mr Whitney a nise ’g innse gu bheil e-fhéin a’ dol a dheanamh a chòmhnuidh ann an Sidni. Tha e dol a thogail taighe ann, agus gus am bi an tigh sin ullamh bidh e fuireach anns an tigh ’s am beil Mr Moxham an àm so. Nam biodh cuideachd an iaruinn an dùil an obair a chreic, ’s gann gu ’m biodh Moxham Mac-Gill-fhinnein agus Whitney a’ cur suas thaighean mora cosgail anns a bhaile; mur biodh an obair-iaruinn ri dhol air adhart cha bhiodh iadsan a deanamh an dachaidh ann an cearna sam bith de Cheap Breatunn. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228 Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire. OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de BHIADH BHEOTHAICHEAN, tha na tha againn ’nan deagh chunnradh. Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1.30 am poca. Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd. Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann. Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4.00 againn fhathast. Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. F. & J. MORLEY. [TD 278] [Vol. 9. No. 36. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXX. Dhealach Mac-Ionmhuinn an t-Sratha ris a’ Phrionns’ ann an so, agus phill e-fhein agus an sgioba dhachaidh a fagail Mr Iain Mhic-Ionmhuinn na aonar maille ri mhòrachd a chum a threòrachadh tro na Garbh-chrìochan. M’ a mheadhon òidhche, thog Mr Mac-Ionmhuinn agus am Prionns orra thar a mhonaidh gu Arasaig, agus ma bhial an latha, rainig iad taigh Aonghais Mhic-Dhomhnuill Bhòrghadail, a cheud fhardach anns na chuir am Prionnsa suas an deigh dha thighinn air tìr an Albainn. Rinn fear Bhòrghadail aighear mor ri Tearlach, agus thuirt e ris gu ’m faigheadh e ionad fhalaich dha anns nach faigheadh na bha dh’ fheachd aig Rìgh Deòrsa gu léir a mach e. Dhealaich Mr Iain Mac-Ionmhuinn ris a’ Phrionns’ ann an so, agus air dha a bhì gabhail an aisig do’n Eilean Sgiathanach chaidh a ghlacadh agus a chur air bòrd long-chogaidh gu ruige Lunnainn. Chum Aonghas Dòmhnullach Bhòrghadail am Prionnsa ann am falach fad thrì latha ann am bothaig bharaich anns a’ choille dlù dha. Chual’ iad an sin gun robh an tòir air tighinn air a luirg cho fad ri Moroir, agus mheasadh iomchuidh gu ’m bu chòir dha gluasad as a sin gu ionad a b’ uaighneich, a bha ma thuaram cheitheir mìle n’a b’ fhaide air falbh a measg nan creag aig a mhuir siar air Bòrghadal; ann an sin thogadh bothan fàil agus taobh an fheòir a mach, air chor is gu’n saoileadh duine nach faca bhi ga thogail, nach robh ann ach toman gorm do dh’ obair nàduir. Thainig an long chogaidh a ghlac Mr Iain Mac-Ionmhuinn a steach do Loch-nan-uamh, agus dh’ fhan i tri latha ’na laidhe air a h-acair ma choinneamh a bhothain so anns an robh Tearlach a chòmhnaidh, gun urrad as sùil a thoirt an taobh a bha e! Chuala Tearlach a nise gu ’n robh a naimhdean air iathadh mu ’n cuairt dha agus mheasadh nach biodh e iomchaidh dha fantuinn n’a b’ fhaide ma Loch-nan-uamh; air an aobhar sin ghluais e féin, fear Ghlinn-Ealadail agus Iain a bhràthair, agus Iain Mac Fhir Bhòrghadail. Ma mheadhon latha bha iad air ard a mhulaich ris an canair Sgorra-deag am braidhe Arasaig; ann an so ghabh iad biadh a’s leag iad an anail. Ghluais iad as a sin agus rainig iad mulach Fhriogh-Bheinn. Cha robh iad fad ann an sin ’nuair a thainig teachdaire dh’ innse dhaibh gun robh ciad fear-feachda de Chaimbeulaich Earraghàel a’ dìreadh ri taobh na beinne air an robh iad ’nan seasamh. Cha dh’ fhan iad an so na b’ fhaide. Ma mheadhon oidhche air dhaibh a bhi gabhail tro ghlacaig eadar dà chnoc, chunnaic ad duine tighinn le leathad ’nan còmhdhail; thug Tearlach agus na fir eile ceum a bharr an rathaid, agus chaidh Fear-Ghlinne-Ealadail an coineamh an duine, a dh’ fhiosrachadh co dhiù bu nàmh no càraid’ a bh’ ann. Ach co a bha ’n so ach an seanna charaide dìleas, Dòmhhull Cam-Shròn Ghlinne-Peighinn, an duine a thug a chiad chuid òidhche do Thearlach an deigh blàr Chuil-Fheodair. ’Nuair a dh’ fhàg Domhnull Cam-Shron an taigh thug e leis lipidh mine agus ma thuaram puna de dh-ìm, air son biadh direabh, agus rè cneithir latha cha robh de bhiadh aig a’ Phrionns’ agus aig a dhaoine ach an graine crion mine agus an crioman beag ime! Threoraich Dòmhnull Cam-Shròn iad gu seolta feadh nam beann, agus air dhaibh a bhi coiseachd rè na h-òidhche rainig iad ma ghlasadh na maidne, (air a cheathramh latha fichead de mhìos dheireannach an t-Samhradh) mulach beinne os ceann Loch-Arcaig, ris an canair Màm-nan-Calum, ard dheth am faiceadh iad gluasad nan nàimhdean fad mhìle dh’ uidhe ma ’n cuairt daibh. Bha fios aig a Cham-Shronach gu ’n deach Mam-nan-Calum a rannsachadh leis an luchd-tòire, air an latha roimhe sin, air an aobhar sin bha fios aige nach rachadh a rannsachadh a rithist gu ceann latha no dhà, uime sin leig siad iad féin sios gu fois agus chaidil iad. Air dhaibh dùsgadh thog iad orra, agus rainig iad (air a chùigeamh latha deug de ’n mhìos) Coire-nan-Gall, ma chrìochan chnòdeart agus Loch-Arcaig; rè an astair sin cha robh aig a’ Phrionns’ agus aig uaislean de bhiadh ach ùlag a poca mine Dhòmhnuill Cham-Shroin, ni leis an dh’ ith iad sgonn de’n ìm! Fad dà latha ’s òidhche, bha Tearlach agus a luchd-leanmhuinn air fàrsan a measg nam beann a ta nan laidhe eadar ceann Loch Uthairn agus Loch-Seile. Ma òidhche chitheadh iad lassair nan teinnteannan a bha freiceadanan an luchd-toireachd a cumail suas, a chum iad féin a gharadh. Mheas ad a nis iomchaidh gu ’m bu choir Coire-nan-Gall fhàgail agus a dhol gu àite diamhair a bha ’n aodann cnuic aig ceann shuas Loch-an-aidh, a bha ma thuaram dà mhìle air falbh bho gach àit anns an robh na nàimhdean ’nan laidhe. Anns san ionad so dh’ fhaodadh iad a chuid eile de ’n fheasgar a chaitheamh gu ’n chunnard gu ’n chùram, agus air dhaibh a ruidhinn ghabh iad clò goireid cadail. ’Nuair a dhùisg iad chaidh Dòmhnull Cam-Shron agus bràthair fhir-Ghlinn-Aladail a chuir air falbh gu àiridh a bha fagus dhaibh a dh’ iarraidh bidhe agus dh’ fhan Fear Ghlinn-Aladail agus an Domhnullach eile ri faire thar a’ Phrionnsa a bha fathast gu ’n dùsgadh. Cha do phill iad air an ais gu cromadh na gréine gun dad ac’ air son an turais ach dà mhulachag bheag chàise, AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 279] [Vol. 9. No. 36. p. 7] cha robh tuilleadh, mo thruaidhe, ri fhaotainn far an robh iad a sireadh! Cha robh an càise ach na bhiadh ro thioram, agus a bhrì nach robh aca dheth ach beagan, agus gun fhios aca c’àite ’m faigheadh iad tuilleadh ’nuair a theirgeadh e, cha robh iad a gabhail ach ro-bheag dheth air gach trà. Chunnaic iad nis an tòir a dlùthachadh orra, laidh iad sìos far an robh iad gu cìaradh na h-òidhche, an sin ghluais iad le deagh astar gu ruige beinn chas do’n ainm Druim-a-Chòis, air dhaibh a bhi dìreadh na beinne thainig sgioradh an car Thearlaich a theab crìoch a chuir air a thuras sgìth. Bha ’n òidhche ro dhorcha, agus an rathad ro chas, agus chaidh na daoine ann an reang as deighe a chéile, agus Domhnull Cam-Shron air an toiseach, am Prionn’ as a dheigh, Fear-Ghlinn-Aladail an deighe a’ Phrionnsa, agus da Iain Dhòmnnullach as deigh Fhir-Ghlinn-Aladail. Air dhaibh a bhi dol seachad air droch cheum leacaich air bial creige shleamhnaich Tearlach agus chaidh e dheth a chasan, ach gu sealbhach rug Domhnull Cam-Shron air a làimh agus Fear-Ghlinn-Aladail air an làimh eile, agus chaidh ac’ air a thogail suas air a chas-cheum, ged theab iad a bhi ’nan triùir “sios le bruthach gu ’n tearnadh.” ’Nuair a rainig iad mulach na beinne, chunnaic iad solus aon de chàmpachan an nàmhaid romp’ air an t-slighe a bha duil ac’ a ghabhail, bha iad mar sin air an iathadh rompa ’nan deigh agus air gach taobh! Shonraich iad co-dhiù a dhol air an aghaidh a dh’ ain-deoin gach gabhaidh, agus chaidh iad cho faisg air cunnard is gun robh iad a cluinntinn na cainnt a bha na nàimhdean a’ labhairt ri chéile. Dh’ fhélaidh iad suas ri aodann an ath chnuic agus dheth an uchd sin chunnaic iad teine Càimp eile na laidhe rompa dìreach air an t-slighe a bha iad a cuir rompa an ionnsaidh a thoirt air a dhol seachad an so mar an ceudna. Dh’ fhan iad air an uchdan gus an robh e ma dha uair sa mhadainn, agus bha lasair theine nan càmp a’ fannachadh, mar a bha solus éibhinn an latha a deallradh, agus a’ ghrian ag eiridh, agus an sin phill gach luch-freiceadain gu’n càmpachan a thaobh le solus an latha gu ’n gabhadh iad sùl-bheachd air feagh gach àite mu’n tiomchioll. A nise bha eadar dà chàmpa nan nàmhaid amar uillt a chladhaich tuil a’ gheamhraidh tro aodainn sgàrnaich (no mar their cuid sgàrdan) ach bha e nise tioram le tart an t-sàmhraidh, anns an chlais so shònraich na laoich chruadalach an ionnsaidh thoirt air teicheadh bho nàimhdean cìocrach, agus dhìrich iad suas air a màgan ann an leabaidh an uillt agus cha b’ fhada gus an robh iad á fradharc an eascaraid. An deigh dhaibh coiseachd ma dhà mhìle thainig iad gu Coirre-Choradail air taobh Ghlinn-Eilge de Cheann-Loch-Uthairn, agus air dhaibh tuiteam air glacaig uaigneich, ann an sin rinn iad suidhe, agus ghabh iad beagan de’n bheagan bìdh a bha aca. Ghabh am Prionns féin sliseag de ’n mhulachaig chàise agus sgaoil e min chorc air a h-uachdar; biadh, air leis, a bha cho taitneach ri aon aran finealta crineachd a dhith e riabh air a chomhdachadh le mil! An deigh dha an greim sin ithe, dh’òl e deoch as a chaochan agus leig se e-féin na shineadh air an àilean ghòrm agus chaidh e. Chaith iad an ath latha anns a’ ghlacaig so gu ’n bhiadh gun teine gun fhàrdaich. Chaidh fear Tormad Domhnullach a mharbhadh aig mèinn an Dominion Di-luain. Bha e ’g obair a ceangal ’sa fuasgladh caraichean a ghuail, agus turus dhe na tursan cha d’amais e air an da char a cheangal an àm, bhuail iad na cheile agus bha esan air a phrannadh eatorra. Thachair so anmoch feasgar, agus ged a rinneadh gach ni air a shon a b’ urrainn sgil nan dotairean a dheanamh, cha robh e beò ach gu meadhon-oidhche. Bu duin’ òg e, mu seachd bliadhna fichead a dh’ aois, agus gun a bhi pòsda. Bhuineadh e do Phort Morien, agus bha e ’g obair aig cuideachd a’ ghuail o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 280] [Vol. 9. No. 36. p. 8] Luinneag. LEIS AN DR. STIUBHART, NACH MAIREANN, BRAIGH LOCHABAIR. Tha Peigi ’s a’ mhonadh ag iarraidh a’ chruidh, Saoil de ’tha ’g a cumail cho anmoch? Tha ’ghrian air dol fodha, ’S iad uile ri ’m bleodhan, Saoil de ’tha ’g h cumail cho anmoch? Tha Peigi ’na cailin cho grinn ’s tha ’san dùthaich, Ceanalt ’na nàdur, ’s i blàth-chridheach, sunndach, Cha d’ fhairich mi coire ann am Peigi co-dhiu—ach Saoil de ’tha ’g a cumail cho anmoch? B’i màthair mo Pheigi ’bha labhairt nam briathran Saoil de ’bha ’g a cumail cho anmoch: A’ ghrian air dol fodha, ’S an crodh iad ri ’m bleodhan, Saoil de ’bha ’g a cumail cho anmoch; “Cha ruigeadh i leas ’bhi cho fada ’g an sireadh,” Thuirt a màthair, ’s i caramh fòid moin’ air an teine, “Cha robh iad tra-nò ach air lon Dhail-na-mine, Saoil de ’tha ’g a cumail cho anmoch?” Bha mise le Peigi ag iomain a chruidh, (Cha robh cabhag no guth e ’bhi anmoch!) Gu ’n d’ thug mi mo phòg dhi, ’S mo ghealladh a pòsadh, (’Se sid ’bha ’g ar cumail cho anmoch). Mu dheireadh, ’n uair dh’ fhàg mi mo ghràdh aig a chachaile, Thuirt a màthair ri Peigi, “De idir a thachair dhuit? Mur biodh Cailein, am fleasgach òg, speiseald’ air tachairt ort, ’S e mo bheachd-sa nach biodh tu cho anmoch!” Air feasgar Di-haoine ’s ann rinn sinn an cordadh, (B’e mo bhaatha ged dh’ fhan mi glé anmoch), ’S air an t-seachdain ’n a dhéigh sin, Gu ’n d’ fhuair mì dhomh fhéin i, ’S thug mi leam do Ghleann Eit’ i ’s an anmoch. Tha mi nise cho sona ri neach anns an duthaich, ’S mo Pheigi ri m’ thaobh an àm cadail is dusgaidh, ’S mor gur fhearr leam na storas an Rìgh air a chrùn, A bhi briodal ri m’ rùn moch is anmoch. An Sgiobaireachd. Rinneadh an t-òran so le Gobha na Hearradh. Rinn an t-Urr. Frannsaidh Mac Bheathain òran molaidh do ’n Ghobha, agus is ann mar so a fhreagair esan. C. C. Chuala mi bho phàirt Mu ’n chliu adhmhor, fhlathail ’Thug thu orm do chàch ’Na do dhàn ro ealant’; Dh’ fhuilingeadh e gun sgàth Ged bhiodh dorn no dhà Air a thoirt dheth ’bharr ’S e ro ard bho ’n talamh, Air son daol-chnuimh fhalamh, Lan de ghaoid mhi-fhallain, ’Us de mhor chuis-gràin ’Th’ air mo chàirdean falaicht’. Ach, a Fhrannsaidh choir, Sheinn thu ’n ceol ro fhada; Leig thn ’mach an sgod Leis an t-seol gu ’chlaigeann; ’Nuair bu choir an còrs’ ’Chumail suas air dòigh, ’S fraoch nan stoirm cho mòr, ’S sgiob’ air bord cho lapach ’S gu ’m faod iad tre chadal, ’N àm nan sian ’s na frasachd, Calldach ’leigeadh oirnn, Nach diol òr air ais dhuinn. Ballaist ’chur ’s na cruinn, Cha chuir innte taic dhuinn; Siuil a chur ri ’druim, Cha chuir sgoinn ’n a h-astar; Stiuir ’chur os a cinn, Cha dean iul do ’n luing; ’S pump gun cheann ’s an taoim Cha chuir sginn a mach dhith. Nach e ’ceum ’bhios glagach, ’Null ’s a nall, ’s air tarsainn? Ceart cha seol i dhuinn, ’S gleus gach buill ás altan. Biadh a chur mu ’r druim Cha chuir dhinn an t-acras; Eudach ’chur ’n ar broinn, Cha chum sinn gu fasgach; Clogaid ’bhi m’ ar buinn, Cha dean ceann-bheairt dhuinn, ’S brogan ’chur m’ ar cinn, Cha dean loinn do ’r casan; ’S deisthinneach mi-mhaiseach ’Bhios ar sgeimh ri fhaicinn; Cha tig neach ’n ar gaoith, ’Chi ach oillt ’n ar fasan. Cha tearainteachd dhùin Toirt ar curam seachad ’G ràdh “Na abair dùrd Tha ’n Insurance beairteach;” ’S iomadh aon ’bha ’n duil Nach robh meang ’n an cuis, D’a thrid ’chaill an curs’ Dh’ easbhaidh diudh ’us faicill, ’S riamh nach d’ rainig dhachaidh Dh’ ionnsaidh seolaid acair’, ’S nach do sheilbhich stùr Dheth na b’ uidh leo ’ghlacadh. Ged robh sinn ’s an luing, Pailt an luim ’s an acfhuinn, ’S ged b’ eol dhuinn le cinnt, Feum gach buill us beairte; Ciod an stath ’bhios dhuinn Eolas ’bhi ’n ar cinn Air gach ball ’bhios innt’ Mur ’bi sinn ’g an cleachdadh? Feumar cord ’s an acair’ ’S ’cheann air bord bhi glaiste, ’S ris gach sruth ’us gaoith ’N combaisd cruinn a leantuinn. Cairistiona Chaimbeil. Pòsaidh mi thu air an t-sàmhuinn, ’Charistìona Chaimbeil! Pòsaidh mi thu air an t-sàmhuinn, ’Charistìona Chaimbeil! Pòsaidh mi thu air an t-sàmhuinn, ’Charistìona Chaimbeil! ’S ged a tha do chasan caola, ’S e mo ghaol gun taing thu! Dh’ith thu’n Ràc ’s an Tunnag odhar, ’Charistìona Chaimbeil! Dh’ith thu’n Ràc ’s an Tunnag odhar, ’Charistìona Chaimbeil! Dh’ith thu’n Ràc ’s an Tunnag odhar, ’Charistìona Chaimbeil! ’Charistìona,.’Chursti Anna, ’Charistìona Chaimbeil! Cailleach a’s mios’ air an t-saoghal, ’Charistìona Chaimbeil! Cailleach a’s mios’ air an t-saoghal, ’Charistìona Chaimbeil! Cailleach a’s mios’ air an t-saoghal, ’Charistìona Chaimbeil! ’Charistìona, ’Chursti Anna, ’Charistìona Chaimbeil! Chaidh tri soithichean deuga a luchdachadh le gual ann an Louisburg air an t-seachdain s’a chaidh. ’S e deich mile fichead tunna an tomhas guail a thug iad leotha. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar a tha do Shuilean? N an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [TD 281] [Vol. 9. No. 37. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 15, 1901. No. 37. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XV. GED a thainig iomadh atharrachadh air an dùthaich o chionn tri fichead bliadhna, is gann gu’m bheil a h-aon dhiubh cho comharraichte ris an atharrachadh a thainig air beachdan dhaoine a thaobh gabhail na deoch làidir. Anns an àm ud, an àite bhith ’g amharc sìos air daoine a dh’ òladh cuid mhath dhith gu math tric, is ann a bha meas orra. Bhiodh na bàird ’g am moladh, agus tha cuid dhe na h-òrain a bhiodh iad a’ deanamh dhaibh fhathast air chuimhne, ged nach cluinnear iomradh orra ach glé ainneamh. Agus tha e ’na aobhar toileachaidh dhuinn gu ’m bheil so mar so; oir tha e ’nochdadh dhuinn gu soilleir gu ’m bheil an sluagh, anns an dòigh so co dhiubh air tighinn gu bhith ’faicinn gur e gnothach ro mhi-mheasail do dhuine sam bith e fhein a chur ann an suidheachadh a’s ìsle na brùidean a tha ’falbh an achaidh. Is gann gu ’m faighear maighstir an diugh ann am baile mòr, no anns an duthaich, a bhios deònach seirbhiseach fhastadh, ma gheibh e am mach gu ’m bheil an seirbhiseach sin trom air an òl. Agus tha iomadh maighstir ann a roghnaicheadh an seirbhiseach nach blais idir air deoch làidir air thoiseach air an fhear a bhlaiseas oirre. Ach mar a dh’ ainmich sinn, bha meas mòr, agus moladh, air an fhear a dh’ òladh agus a phàigheadh anns an taigh-òsda. Bheireadh daoine anns an àm ud aobhar seachad air son gu ’n robh iad dhe ’n bheachd so. Bha iad a’ cumail am mach gu ’n robh na daoine a bha car trom air an òl mar bu trice ’nan daoine a bha comharraichte air son an eòlais, an gliocais, an tuigse, an geurchuis, agus an caoimhneis; agus bha iad air an aobhar sin a’ toirt orra fhein a chreidsinn gu ’n robh co-cheangal dlùth eadar buadhan làidir inntinn an duine, agus a bhith car déidheil air an òl. Theireadh iad gu ’n robh a h-uile doctair, a h-uile fear-lagha, a h-uile maighstir-sgoile, agus a h-uile fear-ceirde a b’fhearr na chéile car trom air an òl; agus bha so a’ toirt orra nach robh iad a’ deanamh dìmeas air a’ mhisg cho mòr ’s a tha daoine glice, tùrail an latha ’n diugh a’ deanamh. Tha e fior gu leòr gur minic a chunnacas daoine a bha ainmeil ’nan gairm ’s ’nan dreuchd, a bha mar an ceudna déidheil air deoch laidir; ach an àite sin a bhith ’na aobhar cliù dhaibh, is ann a bha e ’na aobhar mi-chliù dhaibh. Bhiodh iad mòran na b’ ainmeile agus na bu chliùitiche na ’n robh iad stuama, measarra mar bu chòir dhaibh. Cha robh, cha ’n ’eil, agus cha bhi duine comasach air cliù a chosnadh dha fhein le bhith lagachadh buadhan a chuirp agus ’inntinn le geòcaireachd agus le misg. Agus tha aobhar taingealachd aig na h-nile leis am math soirbheachadh aimsireil agus spioradail fhaicinn ann am measg dhaoine ann a bhith ’toirt fa near gu ’m bheil àireamh mhor anns an duthaich nach ’eil ’ga chreidsinn so an diugh; agus air an aobhar sin, nach ’eil iad a’ toirt geill do na beachdan a bha àireamh mhòr de shluagh na dùthchadh a’ creidsinn o chionn tri fichead bliadhna. Tha aon bheachd mearachdach gu tric a’ treorachadh gu beachd mearachdach eile. Bha iomadh fear aig an àm ud a’ toirt air fhein a chreidsinn gu ’n coisneadh e cliù dha fhein le bhith leantuinn gòraiche nan daoine a bha air am meas glic. Is docha gu ’n cuir na briathran so ioghnadh air iomadh neach; ach tha iad fior gu leor. Mar a tha ’n seanfhacal ag robh, “Am fear nach ’eil amaideach uair is uair, tha e amaideach do ghnàth.” Bha iad so gu tric ris an òl, a chionn gu ’n robh iad an dùil, na ’n deanadh iad mar a bha daoine tapaidh, geurchuiseach, innleachdach a’ deanamh, gu ’n saoileadh an sluagh gu ’n robh iadsan mar an ceudna ’nan daoine-tapaidh geurchuiseach, agus innleachdach. Ach ged a tha e air innseadh dhuinn gur e Solamh duine cho glic ’s a bha riamh air aan t-saoghal, rinn e iomadh gniomh a bha glé amaideach. Nan deanamaidne cuid dhe na gniomharan a rinn e, bhiomaid fo mhasladh agus fo mi-chliù gu bràth. Bha Eoghainn Bàn air aon dhe na daoine a bha ’smaointean nach b’ aobhar nàire sam bith dha a bhith ’na shìneadh ri taobh an rathaid air an daoraich. Cha b’ ann aon uair no dà uair a chunnacas an Doctair, am Fiscal, agus am maighstir-sgoile ’nan sìneadh ri taobh an rathaid air an dòigh ud; agus o’n a bha ’n triùir dhaoine so glic ann an iomadh doigh, agus ’nan daoine measail, foghluimte ann an sealladh an t-sluaigh, bha Eoghainn a’ cumail am mach nach bu ghnothach maslach dhasan, duine bochd gun inbhe àird gun fhoghlum mar a bha e, ged a ghabhadh e uair is uair tuilleadh ’s a’ chòir dhe ’n uisge bheatha. Feumar a radh nach bu tric leis tuilleadh ’s a’ chòir a ghabhail dheth; ach aon uair ’s gu ’m blaiseadh e gu math air, dh’ òladh e dheth gus nach aithnicheadh e a’ bhròg seach an t-osan. An oidhche a phos a nighean, bha e, mar a bha nàdarra gu leòr, gle chridheil, sunndach. A bharrachd air a bhith ro thoilichte a chionnn gu’n robh an aon nighean a bh’ aige a’ dol a phòsadh an fhir cho glic ’s cho ciùin ’s cho ceanalta ’s cho deanadach ’s a bh’ anns an duthaich, bha tomhas mòr de mhoit air a chionn gu ’n deachaidh sealg nam fiadh gu tur an aghaidh Aonghais, ged a thug e dà oidhirp air fear a thoirt asda. Ged nach bu mhisde leis sithionn a bhith air bòrd na bainnse, bha e ro thoilichte gu ’n rachadh aige fhein air rud a dheanamh nach deanadh Aonghas, no fear sam bith eile a b’ aithne dha. Am beul anamoch na h-oidhche, thainig am ministear gus am pòsadh a dheanamh. Bha h-uile neach a thainig dhe na fhuair cuireadh, anns an taigh, no mu ’n taigh. B’ ann aig bòrd na bainnse a rinneadh am pòsadh. Agus an uair a bha am pòsadh seachad, chuireadh am ministear ’na shuidhe aig ceann a’ bhuird. Bha e ’na dhuine aoidheil, cridheil, cuideachdail: ach bha e anabarrach stuama, measarra aig gach bòrd aig am bitheadh e. Agus ged nach fhacas gruaim air riamh ach gle ainneamh, bha car de dh’ eagal aig na daoine roimhe, agus thug iad an ceart aire nach deanadh iad dad mi-iomchuidh fhad ’s a bhiodh e anns a’ chuideachd. An uair a chuireadh crioch air an t-suipear, rinn am ministear deiseil gu falbh. Chaidh Eoghainn ceum dhe ’n rathad leis; agus an uair a bha iad a’ dealachadh, thuirt am ministear, “Tha mi ’faicinn, ’Eoghainn, gu ’m bheil deoch làidir gu math pailt anns an taigh agad a’ nochd, agus bheirinn comhairle ort an aire mhath a thabhairt nach òl thu tuilleadh ’s a’ chòir. Biodh meas agad ort fhein, agus na biodh aig duine sam bith ri radh gu ’n d’ rinn thu culaidh-mhagaidh dhiot fhein. Tha ’n t-àm agad fàs glic, ma dh’ fhàsas tu glic ri do bheò. Ma chluinneas mise gu ’n dean thu ball-bùrsta dhiot fhein, bidh mi glé dhiùmbach dhiot. Tha moran dhaoine cruinn anns an taigh agad, agus ma thachras dad cearr bidh e air innseadh air feadh na dùthchadh, agus a chòig uiread air a chur ris, mu ’n d’ thig seachdain o’n diugh. Cuimhnich gu ’ n toir thu an aire mhath dhut fhein, agus gu ’n cum thu rian air na dhaoine og, amaideach a th’ anns a’ chuideachd.” Thug Eoghainn mòran tainig do ’n mhinistear air son na deadh comhairle a thug e air, agus thill e dhachaidh. Chaidh gach ni air aghart gu h-iomchuidh, reumail, òrdail gus an robh a’ chuid bu mhò dhe ’n oidhche air a dhol seachad. Bha ’n ùine a’ dol seachad gun fhios dhaibh leis gach comhradh taitneach, agus fearas-chuideachd a bha iomchuidh dhaibh a chleachdadh. Bha ’n deoch làidir an dràsta ’s a’ rithist ’ga cur ann an tairgse na cuideachd. Ach cha b’ urrainnear a radh gu ’n robh coltas na misg air duine gus an robh e faisge air deireadh na h-oidhche. Anns an àm sin dh’ fhàs Eoghainn Bàn cho blàth ’s gu ’n deachaidh e gu bòilich ’s gu straidhlich, a chuir dragh gu leòr air na càirdean, gu h-àraidh air a’ chàraid òig. Mu dheireadh thòisich e ri cur roimhe gu’n suidheadh e anns an teine. Chuir so a’ chuideachd gu mor dhragh-inntinn. Bha na daoine nach robh glé eòlach air an dùil gu ’n robh e air a dhol buileach glan as a rian. Ach bha fhios aig na càirdean nach robh dad cearr air ach na dh’ òl e. Chaidh iad an sàs ann gus a chumail o shuidhe anns an teine; ach mar bu mhò a bha iad a’ deanamh de chomhairleachadh air, agus greim aig ceathrar no còignear dhiubh air, is ann bu déine a bha esan a’ cur roimhe gu ’n suidheadh e anns an teine. Bha Aonghas ’na sheasamh mar a bha càch; ach bha e car ùine a’ leigeadh leis na càirdean a bhith ’ciùineachadh agus a’ comhairleachadh Eoghainn. Mu dheireadh thuirt e, “Leigibh leis an duine chòir suidhe ’na rogha àite na thaigh fhein.” An uair a thuirt e so, thug e Eoghainn a lamhan nan daoine aig an robh greim air. Agus an uair a chunnaic Eoghainn gu ’n robh làn chead aige suidhe anns an teine, cha suidheadh e ann air son rud sam bith. (Ri leantuinn.) [TD 282] [Vol. 9. No. 37. p. 2] Litir o Mhurchadh Cam. FHIR-DEASACHAIDH GHASDA:—’S iomadh ceann a chaidh an currachd o’n a sgriobh mi gu MAC-TALLA mu dheireadh, agus gu dearbh cha tugainn am peann as a sgar an drasda mur biodh gun do mhaoidh sibh fein mo cheann ’s mo chluasan orm. Agus b’e sin “gleus ùr air seana mhaidean” (an aois, a dhuine, ’s mi cam!) ’bhi feuchainn ri litir a sgriobhadh idir. Ach coma co-dhiu, cuiridh mi smodar air choireiginn sios mu ’n sguir mi. Gu de ’th’ agad air, na th’ agad dheth, ach gu ’n do chuir sibh fein agus Seumas còir (slàn iomraidh dha!) trusdar moit orm, le bhi ’moladh mo Ghailig. Cordaidh e gle mhath ri seann daoine, mar tha mise, ’bhith gam moladh. Sgriobhainn roimhe so mar bhiodh gu robh mi feitheamh gus an tigeadh crioch air pairt de na naigheachdan fada bha anns a MHAC-TALLA, ach ’s ann a tha e coltach nach tig an latha sin. Thainig fear dhiubh gu ceann air an t-seachdain s’a chaidh, ’s mar sin cuiridh mi nise gob mo cheaba ’n sàs. Cha ’n ’eil mise gearain orra, ’s mi nach ’eil; bha mi gle thoilichte dhe na MHAC-TALLA. Agus cuiribhse mo sheachd beannachd a dh’ ionnsuidh nam braithrean ’s nam peathraichean uile a tha gabhail MHIC-TALLA. Agus ma tha sibh airson fhaighinn a mach a h-uile Gàidheal aig a bheil suim do chainnt a shinnsir, cha ’n aithne dhomhsa ni na neach a gheibh a mach iad cho cinnteach ris a MHAC-TALLA. Tha mi ag ionndrainn litrichean nan daoine còire b’ àbhaist a bhi sgriobhadh. Tha e coltach nach gluais bròg no bruidhinn Cona. Tha mi duilich air son sin; fhuair mi eolas math air tre chuid litrichean. Agus Fionn ’us Cabar Féidh, cha do dhichuimhnich mi iad idir, ged a tha e glé choltach gun do threig iad sinn. Agus Bodachan a’ Ghàraidh, ri Taobh an Locha. Tha moran lochan ann—Loch Fada, Loch Leathann, Loch Leurbhai, Loch Cuithir, Loch Mheathullt, Loch Thorciscille,—ma tha e ri taobh gin dhiubh sin, b’ eolach mis’ ann. Ach cha bu toigh leam a bhi ri òs fear dhiubh ’n deigh dol fodha na gréine. Bha iad ag radh gu ’m biodh iad a faicinn an eich-uisge annta; agus tha e ann fhathast cho cinnteach ’s a bha e riamh, mu ’n do mharbhadh e o’n a thainig mise an so. ’Nuair a threobhas e ’n t-iomaire ’tha roimhe ’s docha gu ’n innis am Bodachan còir dhuinn mu’n each-uisge. B’ fhearr leam gun robh mi comhladh ris an drasda ri Taobh na Locha. Bha geamhradh ciùin againn an so gus an d’ thainig am mios so a staigh; ach tha barrachd ’us “sneachd’ a ghluine” againn a nis. Mur d’ thig an samhradh trath bidh biadh spréidhe gle ghann aig cuid. Tha ’n deigh gle mhath ’s tha moran a gabhail a chothrom a tarruing poll eisirean ’s ga chur air an talamh. Chaochail moran air an Eilean o ’n thainig a bhliadhna staigh, agus tha moran tinn aig an àm so. Tha an t-Urramach Calum Caimbeul gu math, ’s bidh sibh toilichte chluinntinn gu bheil a bhean chaomh air taobh a dhol am feobhas. Tha mo charaid ’s m’ fhear-cinnidh, Aonghas, ann an Sidni. Tha brod na Gàilig aige. ’S fheudar dhomh stad an drasda. Cuiridh mi rudeiginn is fhearr do ’r n-ionnsaidh an ùine gun bhith fada. Co-dhuinidh mi le briathraibh freagarrach a bhaird:— “Ged chaidh ar sgaoileadh feadh gach cearn Cha leig sinn bàs na diochuimhn’ Air glinn ar gràidh, ’s na cairdean blàth Tha tàmh ’s an tìr bu mhiann leinn.” Slan leibh. MURCHADH CAM. Bail’ an Tobair, Feb. 25, 1901. Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. VI. AN uair a fhuair an t-ard-chomhairleach an t-ordugh so o’n righ, rinn e umhlachd dha, agus chuir e a lamh air a cheann mar chomharradh gu’m b’ fhearr leis an cheann a chur dheth na dearmad a dheanamh air an ordugh a fhuair e a chur an gniomh. B’ e cheud rud a rinn e fios a chur a dh’ ionnsuidh a’ mharsanta bu mho a bh’ anns a’ bhaile e chur g’a ionnsuidh pasgan dhe’n t-sioda a cheannaich e o Ghanem, agus fios a thoirt dha c’aite an robh Ganem a’ fuireach. An uair a thill am maor a chuireadh a’ cheann a’ gnothaich so air ais, dh’innis e gu’m b’ ainneamh uair a bha Ganem ri fhaicinn anns a’ mhargadh fad caochladh mhiosan roimhe sid. Ach fhuair e mach far an robh Ganem a’ fuireach, agus ainm na bantraich o’n do ghabh Ganem an taigh. An uair a fhuair Giafar am fiosrachadh so, dh’ fhalbh e gu’n dail sam bith leis na saighdearan a dh’ ordaich an righ dha a thoirt leis; agus gus an gnothach a dheanamh ann an doigh laghail, thug e leis breitheamh. Thug e leis mar an ceudna saoir is clachairean, agus gach inneal a bhiodh feumail gus an taigh a leagadh gu lar. An uair a rainig iad an taigh, chuartaich na saighdearan e air eagal gu’m faigheadh Ganem cothrom ri teicheadh. Bha Fetnah agus Ganem an deigh an dinneir a ghabhail. Bha ise ’na suidhe aig an uinneig a bha mu choinneamh na sraide; agus an uair a chual’ i am fuaim a bha nuas an t-sraide, sheall i am mach troimh ’n uinneig. An uair a chunnaic i an t-ard-chomhairleach agus na bha na chuideachd a’ tighinn a dh’ ionnsuidh an taighe, thuig i anns a’ mhionaid gu’m b’ann air a toir fhein agus air toir Ghanem a thainig iad. Thuig i gu ’n d’ fhuair an righ fios air far an robh i, ach cha robh duil sam bith aice gur ann mar sid a ghabhadh e ris an teachdaireachd a rainig e. Cha robh fhios sam bith aice gu’n robh mios o’n a thill e dhachaidh o’n a chogadh; agus ged a bha fios aice gu’n robh e gu nadarra lan dhe ’n iadach, cha do smaoinich i gu’m biodh e ag iadach rithe fhein idir. Ach air a shon sin, ghabh i eagal gu leor an uair a chunnaic i an t-ard-chomhairleach agus na saighdearan a’ tighinn thun an taighe. Cha b’ ann air a son fhein a bha ’n t-eagal oirre idir, ach air son Ghanem; oir cha robh eagal sam bith oirre nach rachadh aice air a dhearbhadh do ’n righ gu’n robh i dileas dha, nan eisdeadh e rithe. Bha tlachd mhor aice do Ghanem araon air son na rinn e de mhath dhi, agus mar an ceudna a chionn gu’n robh e na dhuine uasal og, maiseach, agus tlachdar anns gach doigh, agus thuig i gu ’m faodadh an righ trom dhioghaltas a dheanamh air a chionn gu’n robh e na dhuine uasal og, maiseach. Air dhi a bhith air a lionadh leis na smaointeannan so, thionndaidh i ri Ganem, agus thuirt i, “Ochan! a Ghanem, tha sin caillte! Is tusa, agus cha ’n e mise, a tha iad ag iarraidh.” Ghrad sheall e am mach troimh ’n uinneig, agus ghabh e uamhas an uair a chunnaic e an t-ard-chomhairleach, agus freiceadan an righ le ’n claidhnean ruisgte, agus am breitheamh air an ceann, a’ cuartachadh an taighe. Cha b’ urrainn e aon chuid gluasad as an aite ’s an robh e na sheasamh, no aon fhacal a labhairt. “A Ghanem,” arsa Fetnah, “cha ’n ’eil mionaid ri chall. Ma tha gradh agad dhomhsa, cuir umad aodach fir dha na seirbhesich, agus dubh d’ aodann le suigh. An sin cuir feadhain dhe na soithichean air mullach do cheann. Saoilidh iad gur tu aon dhe na seirbhisich a thainig ugainn as an taigh-ithinnich leis a’ bhiadh, agus leigidh iad leat a dhol seachad. Ma thachras dhaibh fheorach dhiot c’aite am bheil maighstir an taighe, abair riutha gu’m bheil e staigh.” “Ochan! a bhaintighearna,” arsa Ganem, agus barrachd curaim aige dhise na bh’ aige dhe fhein, “is ann mu m’ dheidhinn-sa a tha curam ort—ciod a dh’ eireas dhut fhein?” “Na cuireadh sin curam sam bith ort,” arsa Fetnah. “Is e mo ghnothach-sa sin a thoirt fa near. Bheir mise an aire do gach ni a dh’fhagas tu anns an taigh. Agus tha dochas agam gu’n toirear dhutsa e latha eiginn, an uair a thraoghas fearg an righ. Ach feumaidh tu a chorruich a sheachnadh. An uair a bhios e ann am mullach na feirge, is e daoine a chur gu bas a dh’ ordaicheas e.” Bha Ganem fo leithid de dhoilghios aig an am ’s nach robh fhios aige ciod a dheanamh e. Mur b’ e mar a chuir Fetnah impidh air gus e fhein a chuir as aithne, bha na saighdearan air a ghlacadh gun teagamh sam bith. Ghabh e a comhairle, agus an uair a chuir e aodach seirbhisich air, dhubh e ’aodann le suigh. Agus bha’n t-am aige, oir bha na saighdearan a’ bualadh aig an dorus, agus cha d’ fhuair e fhein is Fetnah ach gann de dh’ uine na dh’ fhag slan aig a cheile. Bha iad le cheile air an lionadh cho mor le bron ’s nach b’ urrainn daibh aon fhacal a labhairt. Dhealaich iad anns an doigh so. Chaidh Ganem am mach as an taigh agus soithichean air a cheann; agus o ’n a shaoil leis na saighdearan gu ’m bu sheirbhiseach e a bhuineadh do’n taigh-ithinnich a bha faisg air laimh, cha do chuir iad dragh sam bith air. An aite sin, is ann a thug an t-ard-chomhairleach—a’ cheud fhear a thachair ris—ceum as an rathad gus leigeadh leis a dhol seachad agus gun smaointean sam bith aige gu’m b’ e sid a’ cheart duine air an robh toil aige greim a dheanamh. Leig a’ chuid eile dhiubh leis a dhol seachad gun dragh sam bith a chur air. Ann an uine ghoirid fhuair e air falbh as an sealladh gu buileach. Am feadh ’s a bha Ganem a’ teicheadh air falbh, bha Giafar a’ dol do ’n t-seomar anns an robh Fetnah. Bha i ’na suidhe air langsaid. Agus bha aireamh chisteachan anns an t-seomar, agus iad lan leis an aodach agus leis an airgiod a bhuineadh do Ghanem. Cho luath ’s a chunnaic Fetnah Giafar a’ dol a steach do ’n t-seomar, leig i i-fhein na sineadh air an urlar, mar gu’m biodh i deas gus am bas fhaotainn, agus thuirt i, “Mo thighearna, tha mi deas gus a’ bhinn sin fhulang a thug Ceannard nan Creidmheach am mach ’nam aghaidh; agus cha’n ’eil agad ach a’ bhinn innseadh dhomh.” “A bhaintighearna,” arsa Giafar, agus e ’ga leigeadh fhein na shineadh gus an d’ eirich ise ’na seasamh, “Nar leigeadh Dia gu’n cuireadh duine sam bith lamhan mi-naomha ort. Cha ’n ’eil e nam bheachd cron sam bith a dheanamh ort. Cha robh air iarraidh orm ach impidh a chur ortsa agus air a’ mharsanta oga tha ’fuireach ’s an taigh so, falbh comhladh rium do ’n luchairt.” [TD 283] [Vol. 9. No. 37. p. 3] “Mo thighearna,” arsa Fetnah, “biomaid a’ falbbh; tha mise deas gus do leantuinn. Ach a thaobh a’ mharsanta a ghleidh mo bheatha dhomh, cha’n ’eil e an so. Tha mios o dh’ fhalbh e gu ruige Damascus air cheann gnothach dha fhein, agus dh’ fhag e na cisteachan so air mo churamsa gus an till e. Tha mi guidhe ort gu’n toir thu fa near an giulan do’n luchairt, agus gu’n ordaich thu iad a bhith air an gleidheadh gu tearuinte a chum gu’m bi comas agamsa air cumail ris a’ ghealladh a thug mi dha.” “Ni mise mar a tha thu ag aithneadh dhomh,” arsa Giafar. Agus gun dail thug e ordugh do phortairean na cisteachan a thoir do ’n luchairt, agus an cur air curam Mhesrour. Cho luath ’s a dh’ fhalbh na portairean leis na cisteachan, thug Giafar ordugh do ’n bhreitheamh an taigh a rannachadh feuch am faighteadh Ganem, agus na dheigh sin a h-uile clach dhe ’n taigh a leagadh gu lar. Ged a thuirt Fetnah nach robh Ganem a stigh, bha amhrus aca nach d’ innis i an fhirinn. An sin chaidh Giafar am mach agus thug e leis Fetnah agus an dithis mhnathan-coimhideachd. Cha do chuireadh dragh sam bith air na seirbhisich a bh’ aig Ganem. Chaidh iad fhein agus na thainig de shluagh thun an taighe am measg a cheile, agus cha ’n ’eil fhios ciod a thachair dhaibh. Cha bu luaithe a chaidh Giafar am mach leis na mnathan na thoisich na clachairean agus na saoir ri leagadh an taighe, agus chaidh iad ris an obair cho sgoinneil ’s nach robh clach air muin cloiche dheth ann am beagan uairean. Ach o nach d’ fhuair am breitheamh Ganem anns an taigh an deigh dha a’ rannsachadh gu math ’s gu ro mhath, chuir e fios a dh’ ionnsuidh Ghiafair a dh’ innseadh mar a bha, agus fhuair e am fios mu’n d’ rainig e an luchairt. An uair a chaidh Giafar a steach do’n t-seomar anns an robh an righ, thuirt an righ ris, “Seadh, an d’ rinn thu mar a dh’ ordaich mi dhut?” “Rinn,” arsa Giafar. “Leagadh a h-uile clach dhe’n taigh anns an robh Ganem a’ fuireach thun an lair, agus thug mi Fetnah do ’r n-ionnsuidh. Tha i aig dorus an t-seomair, agus gairmidh mi steach i ma dh’ iarras sibh orm. Mu dheidhinn a’ mharsanta oig, dh’ fhairtlich oirnn fhaighinn, ged a rinn sinn mion-rannsachadh air a shon. Agus tha Fetnah ag radh gu’m bheil mios o ’n a dh’ fhalbh e.” Cha robh duine riamh ann an corruich na bu mho na bha ’n righ an uair a chual’ e nach d’ fhuaradh greim air Ganem. Mu dheidhinn Fetnah, air dha ’bhith ’creidsinn nach robh i dileas dha, cha’n fhuilingeadh e a fhaicinn, agus idir cha bhruidhneadh e rithe. “Mhesrour,” ars’ esan, ri ard-cheannard nan caillteanach, “thoirt leat Fetnah, an creutair neo-thaingeil, mealltach ud, agus glas a stigh anns a’ phriosain dhorcha i.” Bha ’m priosan dorcha ud ri taobh an luchairt, agus b’ ann a bhiodh an righ a’ glasadh gach aon de na mnathan a bhiodh a’ cur corruich air. O ’n a bha Mesrour gu tric a’ deanamh mar a bhiodh an righ ag aithneadh dha, co dhiubh a bhiodh an t-ordugh ceart no cearr, thug e umhlachd do ’n aithne a thug an righ dha, ged nach b’ ann le a lan thoil. Leig e ris dhi nach robh e toilichte. Agus bha doilghios gu leor oirre, o’n a bha i ’ga deanamh fhein cinnteach gu’n eisdeadh an righ rithe. B’ eiginn di a bhith umhail do’n ordugh a thug an righ seachad, agus mar sin lean i Mesrour do ’n phriosan dhorcha far an d’ fhag e i. An t-Urr. Alasdair Stiubhart, LL. D. “Braigh Lochabair.” RUGADH an sàr Ghàidheal so ann am Beinn-a-faoghla anns a bhliadhna 1829. Thainig teaghlach ’athar do ’n Oban nuair a bha esan ’na ghill’ òg, agus is ann ’sa bhaile sin a fhuair e a cheud chuid de fhoghlum. Anns a bhliadhna 1843 chaidh e do Oil-thigh Chill-ribhinn, agus an deigh dha bhi ullamh ionnsachaidh an sin agus cead searmonachaidh fhaotainn bha e air a shuidheachadh ann an sgireachd Bhailechuilis agus Ard-ghobhair mar mhinistear Eaglais na h-Alba. Ged a fhuair e uair us uair cothrom air faotainn do sgireachd a b’ fhearr, dh’ fhuirich e ’na cheud pharaiste, far ’n do shaothraich e gu dileas dlùth air leth-cheud bliadhna. Fhuair e o chionn fhada deagh ainm mar sgriobhadair. Fad còrr us da fhichead bliadhna bha litir uaithe ann an Courier Inbhirnis gu riaghailteach da uair ’sa mhios. Bha eòlas farsuing air eachdraidh agus gnàths nan Gàidheal air a nochdadh anns na litrichean so, agus bha iad mar an ceudna lan de dh’ fhiosrachadh a thaobh eachdraidh nàdurra na dùthcha. Chaidh moran de na litrichean so a chur am mach ann an da leabhar air am bheil mor mheas aig na h-uile tha ’gabhail tlachd ann an nithean Gàidhealach. Mar shearmonaiche bu choingeis leis an Dotair Stiubhart Beurla no Gàilig; ach iadsan a thuigeadh an da chainnt, b’ fhearr leotha gu mor a chluinntinn a searmonachadh na cainnt mhàtharail, oir bha e anabarrach comasach innte, agus theireadh e-fein gur ann innte, b’ fhearr leis labhairt. Bha e ’na dhuine caoimhneil, toilichte, aig an robh càirdean anns gach cearna de ’n Ghàidhealtachd, air am bheil an diugh mulad mor a chionn nach fhaicear e ’s nach cluinnear a ghuth leotha tuilleadh. Cha robh e faotainn a shlàinte o chionn còrr us bliadhna, agus air an t-seachdamh latha deug de Ianuaridh chaochail e. Dh’ fhàg e bantrach, aona mhac agus dithis nighean. Bidh a chuimhne cùbhraidh an tir nam beann ’s nan gleann gu ceann iomadh latha ’s bliadhna. Litir a Ceap Nor. MU thoiseach a mhios so dh’ eug an treas leanabh air Daibhidh Mac-a-Phearsain, (Mac Neill) air an d’ thug mi iomradh an litir a mhios s’a chaidh; agus an dara leanabh air Iain Fitzgerald. Tha eagal air cuid gur h-i an amhach ghoirt a tha air a bhi ’s na teaghlaichean ud, ’s air an aobhar sin tha cuid dheth ’n chloinn nach eil a’ dol an coir na sgoil ’s a chearna sin dheth ’n àite. Air an la mu dheireadh de Ianuaridh dh’ eug Gilleasbuig Domhnullach, an deigh a bhi tinn mu thri seachduinean. Rugadh e ’s an Eilean Sgiathanach anns a bhliadhna 1810. Thainig e fein agus Alasdair mór, a bhrathair, a mach gu Ceap Breatunn anns a bhliadhna 1829. An deigh dhoibh a bhi ’g obair car uine ann am meinnean guail Shidni, chaidh Gilleasbuig gu Boston, far an robh e ’n seirbhis aon duine fad iomadh bliadhna, agus iad fior mhiosal air a cheile. B’ ann as a bhaile sin a thug Gilleasbuig a bhean, agus tha i fathast a lathair. Bu bhan-Gheancach i, agus is iomadh sgeul a rachadh aice air aithris mu shluagh agus suidheachadh an àite so an àm dh’ ise teachd ann maille ri ’companach. Bha mi ’na cainnt car uine ghearr la an adhlacaidh, agus am measg iomadh ni eile air an d’ rinn i iomradh rinn i moladh mor air cho caoimhneil ’s a bha i ’faotuinn an t-sluaigh ged thainig ise ’n am measg gun fhacal Gàilig ’na cheann. Tha i ’m barail gu’n robh daoine ’s na laithean ud ni bu chàirdeile ri ’chéile na tha daoine an la’n diugh. Dheth na bha dhaoine mora ’s an t-saoghal ’s an linn a tha nise seachad, ’s gann nach toireadh i an t-àite b’àirde do’n Onarach W. E. Gladstone nach maireann. Gun teagamh sam bith bu duine fior dhiadhaidh Gladstone. Dhearbh e sin le ’dheadh chaithe beatha ann an iomadh doigh, a dh’ aindeoin ’s na theireadh a naimhdean calg-dhireach an aghaidh sin. Is cuimhne leam a bhi ’leughadh o chionn beagan bhliadhnaichean air ais mu cho-chruinneachadh mor sluaigh ris an robh Gladstone gu labhairt am baile araidh an Sasuinn. B’ ann le duin’ uasal araidh a thugadh Gladstone an lathair an t-sluaigh; agus theann e ri mholadh dhoibh le radh gur e aon ni a bha ri radh air taobh Mr. Gladstone gu’m bu duine e air an robh eagal a Chruithfhear; ach mus d’ fhuair e dol ni b’ fhaide air adhart ’s ann a freagair neach eiginn dheth na bha ’lathair, ag radh, “Agus cha ’n ’eil duin’ eile ’s an t-saoghal so aig am mò bheil a dh’ aobhar.” ’S cinnteach nach robh Gladstone an duil gu’n robh e comasach dhàsan dol as o’n t-seorsa ud ni’s mo na bha e comasach do mhuinntir eile. Bha e strì ri bhi cho feumail anns an t-saoghal ’s a bha ’na chomas cho fad ’s a mhair la a chothrom, agus bha e ullamh gu cùl a chur gu buileach ri barail mhearachdach sam bith a dh’ fhaodadh e bhi ’g altrum, cho luath ’s a chitheadh e gu’m bitheadh i mar sin. ’S docha mur biodh sin fior mu thimchioll nach robh e air an radh fior agus luachmhor so fhagail againn:—An ti nach atharraich barail cha cheartaich e mearachd gu brath. “He who never changes an opinion never corrects a mistake.” M. D. Ceap Nor, Feb. 28, 1901. A’ Cuideachadh a Mheairlich. Bha Iain Dubh us Domhull Mor a fuireach faisge air a cheile. Bha Domhull Mor ’na thuathanach, a bha le saothair a dha laimh fhein ’s cuideachadh a dheagh mhnatha ann an cothrom laghach. Bha fearann briagh aige, air obrachadh gu dòigheil, agus stoc math de chrodh ’s de chaoraich air uachdar, a bharrachd air an da each leis an robh e ’ga obrachadh. Cha robh Iain Dubh cho math sin air a dhòigh. Cha robh am fearann aigesan ach air dhroch obrachadh, cha robh ach àireamh bheag de chrodh ’s de chaoraich aige, agus aon each. Bu duin’ e nach robh gle mheasail ’sa chomhearsnachd: bha amhrus aig daoine gu robh e car fada ’sna làmhan, agus bu mhath leotha, nuair a bhiodh e mu ’n cuairt, gach ni air an robh iad a’ cur luach a chumail as a shealladh. Aon latha bha Domhull Mor a gabhail an rathaid faisg air an àit aige fhein, agus co a thachair air ach Iain ’se na sheasamh air meadhoin an rathaid-mhoir, an t-each ruadh air shréin aige agus da mholt mhor air an ceangal ri cheile ’nan sineadh aig a chasan. “Ma ta, ’s mi tha toilichte gu ’n do thachair dhut tighinn,” ars’ Iain, an deigh dhaibh a chéil’ fhàilteachadh. “Tha da mholt agam an so a bha mi toirt dhachaidh á àite mo bhràthar; thuit iad bhar an eich orm an so, agus tha e air dubh-fhairthleachadh orm an cur air a mhuin a rithist.” Thug Domhull làmh chuideachaidh dha; fhuair iad na muilt a chur suas; chaidh Iain an ceann an eich ruaidh, ’s dh’ fhalbh e dhachaidh leotha, a toirt iomadh taing do Dhomhull; agus ghabh Domhull a rathad fhéin. Toiseach a gheamhraidh, nuair a thòisich na tuathanaich air cruinneachadh ’s air àireamh an cuid chaorach, bha Domhull Mor ann an trioblaid; bha ’n da mholt a b’ fhearr a bh’ aige air chall, agus ged a chaidh e shealltuinn air an son anns gach treud a bha mu fhaisg choig mile dha, cha d’ fhuair e sgeul no forfhais orra. Cha b’ ioghnadh ged nach d’ fhuair. ’S iad a chuir e-fhein air muin an eich ruaidh còmhla ri Iain Dubh! [TD 284] [Vol. 9. No. 37. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, AM MART 15, 1901. Morair Salisbury. THA aon de phaipearan-naigheachd Lunnuinn—“Truth”—paipear, ma tha e ri ghabhail a reir ainme, do nach bu chòir breug innse, a labhaist mar a leanas mu Mhorair Salisbury:— “Tha e gu tric air aithris gu bheil Morair Salisbury a’ cur roimhe a dhreuchd a leigeil dheth, agus gu bheil falluinn a Phriomhair gu tuiteam air mac a bhràthar. Is e àireamh gle bheag aig am bheil fhios co-dhiubh tha no nach eil na fhathunnan so fior, agus cha’n eil mise air aon de ’n àireamh bhig sin. Ach tha aon ni cinnteach. Ma leigeas Morair Salisbury dheth an dreuchd, cha ’n e Mr. Chamberlain a ghabhas àite. Is math a bhi cinnteach á sin féin. Bhithinn féin co-dhiubh duilich am Morair a chur dheth na dreuchd ’sam bheil e. Ged nach eil a ghuth daonnan os ceann chàich ann an comhairle ’n riaghlaidh, cha ’n eil uair a thogas e i nach ann air taobh an ni a bhios ceart. Cha duine cuilbheartach idir e. Cha ’n eil e ’na thràill do phàirtidh no a toirt lan ùmhlachd do bhuidhinn sam bith ann an cùisean-riaghlaidh. Tha a bheachdan a thaobh ar dàimh ri dùthchannan eile am bitheantas fallain. ’S e choire ’s motha tha ri chur as a leth mar fhear-stàite nach eil e cho misneachail ’sa b’ fheaird e bhith. ’Nuair a bhios e doirbh dha a bheachdan a chur an gniomh, leigidh e le soitheach na stàite dhol leis an t-sruth. Mar fhear-stiùiridh cha ’n eil greim ro-làidir aig air an stiùir.” Tha muinntir na h-Alba a’ tòiseachadh ri ’n guth a thogail an aghaidh an Righ a bhi air a chrùnadh fo’n ainm “Iomhar a Seachd.” Cha robh righ de’n ainm Iomhar air Alba riamh gu so fhéin, agus cha robh air Eirinn ach a h-aon. Cha ’n eil an t-ainm “Iomhar a Seachd” mar sin a freagairt idir a thaobh Alba agus Eirinn. ’Se ’n t-ainm bu choir dha a ghabhail, ainm leis am biodh a chuid iochdaran uile lan riaraichte, “Iomhar a h-Aon.” Cha robh na h-Iomhair a bh’ ann roimhe nan righrean ach air Sasuinn a mhàin. Tha esan, a bharrachd air sin, ’na righ air Alba, Eirinn, na h-Innsean, Canada, Australia, New Zealand, agus earrann mhor de dh’ Africa; agus is e da-rireadh a’ cheud Iomhar a tha rioghachadh thairis air an Impireachd Bhreatunnaich. Tha Sasunn ann an tomhas mor a slugadh suas gach urram ainme a bhuineas do ’n Impireachd, ’sa cur chòirichean nan rioghachdad eile air chùl. ’Se “Righ Shasuinn,” “parlamaid Shasuinn,” agus “an t-arm Sasunnach,” is trice gu mor a chluinnear ’sa chithear na “righ Bhreatunn,” “parliamaid Bhreatunn,” agus “an t-arm Breatunnach,” ged is iad sin na h-ainmean dligheach. Is còir do na h-Albannaich uile seasamh gu duineil an aghaidh a bhi mar so a’ deanamh dimeas air an dùthaich, agus tha sinn an dòchas gun tog iad an guth cho sgairteil ’s gu feumar éisdeachd riutha, agus gu ’m bi an righ air a chrùnadh, cha’n ann fo’n ainm Shasunnach “Iomhar a Seachd,” ach fo’n ainm Bhreatunnach “Iomhar a h-Aon.” Cha’n eil teagamh sam bith nach eil an cogadh ann an Africa mu Dheas a dlùthachadh ris a’ chrich. O chionn corr us seachdain tha an Seanalair Botha agus an Seanalair Citchener a’ feuchainn ri tigh’nn gu còrdadh, agus a nise tha’n sgeul air tighinn gu bheil an Seanalair De Wet a tighinn far am bheil iad agus gu bheil e ro choltach gu’n dean e-féin us Botha an airm a leigeil sios air chumhachan a bhios taitneach do Bhreatunn agus nach bi tàmailteach dhaibhsan. Tha sith air a gairm gus an cuirear a chùis an darna thaobh. Tha sinn an dòchas gu’n tig iad gu còrdadh, agus gur h-i ’n sgeul a bhios againn ri innse air an ath seachdain gu bheil cogadh aimhealach, sgriosail Africa mu Dheas seachad, agus gu bheil sith a riaghladh anns an tir a bha o chionn corr us bliadhna làn de chreach ’s de dhòrtadh fala. Chuala sinn dithis no triùir de luchd-gabhail MHIC-TALLA o chionn ghoirid a’ gearan nach eil an paipear cho math ’sa bha e anns na bliadhnaichean roimhe so. Bha sinn fhein am barail gu robh e na b’ fhearr na bha e riamh, agus gur ann a sior dhol na b’ fhearr a bha e, ach theagamh gu robh sinn am mearachd. “Is math an sgàthan sùil caraid,” ars an seanfhacal, agus tha sinn a nise toileach deuchainn a chur air an sgàthan sin. Tha sinn a toirt cuireadh do ar càirdear uile am barail a toirt dhuinn a thaobh MAC-TALLA, am bheil e dol na’s fhearr no na’s miosa. Tha dòchas againn nach e ann a dol na’s miosa tha e, ach ma nochdar dhuinn gur ann mar sin a tha, ni sinn ar n-uile dhichioll air a chur air an t-slighe gu bhi na’s fhearr na bha e riamh. Freagradh gach neach gu saor agus gu soilleir na ceistean a leanas—Am bheil MAC-TALLA na d’ bharail-sa cho math ’sa bha e bliadhnaichean roimhe so? Ciod a choire no na coireannan a tha thu faotainn dha? Agus ciod an seòrsa leughaidh bu mhath leat a bhi ann nach eil thu faotainn ann aig an àm so? LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life Association. Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871. ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. Teachd-a-stigh os Ceann Millean ’sa Bhliadhna. Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’s BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 285] [Vol. 9. No. 37. p. 5] NAIGHEACHDAN. Nuair a thòisicheas na treineachan air tim-chlàr an t-samhraidh, ri ruith cha ’n eil fhios nach bi iad a dol gu Louisburg. Tha am baile sin agus Glace Bay a nise air fàs mor, agus airidh air deisealachdan nach eil iad aig an àm so a mealtuinn. Chaochail an t-Olamh Tearlach Domhnullach ann a Halifacs maduinn Di-luain. Bha e ’na fhear-teagaisg ann an oil-thigh Dalhousie ’sa bhaile sin o chionn ochd bhliadhna air fhichead. Bha e ’na ard-sgoilear. Rugadh e ann an Alba, agus fhuair e fhoghlum ann an oil-thigh Abaraidhean. Bha e na mhinistear dhe’n Eaglais Stéidhichte, agus na shearmonaiche ro-thaitneach. Cha d’ fhag e de theaghlach ach aon mhac. Tha bailtean St. John agus Halifacs ag obair gu dian feuch co aca gheibh cuideachd a thòisicheas air togail shoithichean anns na puirt aca. Tha iad le cheile an deigh mu dha cheud mile dolair a bhòtadh mar chuideachadh do chuideachd làidir sam bith a thòisicheas air an obair. Tha Mr. Moxham a’ chomhairleachadh dhaibh gun a bhi ’g obair an aghaidh a chéile, agus ag radh gur fhearr do mhuinntir nan roinnean iochdrach air fad a bhi aonaichte mu’n chùis, an obair a chur air adhart far an fhearr a phàigheas i, agus gun deanadh sin aig a cheann mu dheireadh an aon fheum dhaibh uile. Tha an droch ceann-fodha air na daoine dubha anns na Staidean a Deas. Tha e air innse gu bheil, ann an cearna de Charolina Deas, moran dhiubh air an ceangal ri maighstirean ’s air an obrachadh gun tuarasdal, gun duais, direach mar a bhatar a dheanamh riutha mu’n robh iad air an saoradh o chuig na tràille. Tha so air a dheanamh le toirt air na daoine truagha an ainmean a chur ri cumhnantan cruaidhe, ’s gu’n fhios aca ciod a th’annta, agus le thoirt a chreidsinn orra an sin nach ceadaich an lagh dhaibh na cùmhnantan so bhristeadh. Ach tha an lagh a nise an tòir orra-san a bha ris na h-ais-innleachdan sin; chaidh àireamh dhiubh a thoirt gu ceartas mar tha ’sa pheanaisteachadh gu trom, agus tha tuilleadh dhiubh ri bhi air an toirt gu cùirt gun dàil. Tha bruidhinn nach gann ann an Sidni air an t-seachdain so a thaobh nan sgoilean. Ann an searmon a rinn an t-Urr. Tearlach Heustis, ministear nam Methodach, oidhche na Sàbaid s’a chaidh, tha e ’cur os leth sgoilean a bhaile nach eil iad idir mar bu chòir dhaibh a bhith, gu bheil droch cainnt agus mi-bheus am measg na cloinne nach bu chòir a cheadachadh, agus nach eil luchd-teagaisg na sgoil ag amharc thairis orra mar is e an dleasdanas a dheanamh. Thug esan a chlann fhéin as an sgoil air eagal iad a bhi ’g ionnsachadh an uile o chàch, agus tha e gan teagaisg aig an tigh. Tha Mr. Stiùbhart, ceannard na sgoile, ag àicheadh sin uile ’s ag radh nach eil facal firinn ann an easaid Mhr. Heustis, gu bheil na sgoilean air an cumail a reir na riaghailt, agus gu bheil an luchd-teagaisg a’ deanamh an dleasdanas gu dìleas a thaobh na cloinne. Tha bòrd na sgoile a’ dol a rannsachadh an cùise gan dàil, agus ma tha casaid Mhr. Heustis fior nithear ionnsuidh a thoirt air cùisean a leasachadh. Is i Breatunn am measg uile rioghachdan an t-saoghail, a’s motha neart air a’ mhuir, agus is i Ghearmailt an rioghachd a’s motha neart air tir. Tha an da rioghachd mhor so an diugh nan dlùth-chairdean d’a chéile, agus fhad ’sa mhaireas iad mar sin, cha bhristear sith an t-saoghail, oir cha dàna le rioghachd sam bith eile cogadh a ghairm an aghaidh aoin seach aoin dhiubh. Bha teine beag anns a bhaile oidhche Di-sathuirne s’a chaidh. Bha da thigh air an t-sràid iseil air an losgadh gu dona. Bha stor feòla aig Grantmyre ann am fear de na taighean. Bha teaghlach a fuireach anns gach tigh, agus bha ann am fear dhiubh mar an ceudna àite creic stuth làidir, aon de na h-àiteachan sin leis am bheil baile Shidni aig an àm so air a bheannachadh gu pailt. Ged a thug luchd-riaghlaidh an rathaid-iaruinn uainn an express luath tha iad a nise deanamh tròcair oirnn ’sa toirt dhuinn freight luath ’na h-àite. Tha an carbad so a tighinn a stigh do Shidni mu thri uairean ’sa mhaduinn, ’sa fàgail beagan an deigh deich uairean. Tha sinn ag earbsa gu’n dean an trein luath so an cuid bathair a thoirt dh’ionnsuidh nam marsantan an àm iomchuidh. Roimhe so ’nuair a chuireadh marsanta dh’ iarraidh bathair, cha robh aige ach a bhi’n dòchas gu’n tigeadh o mu ’m biodh e air a chur o fheum air le aois no le dolaidh. Tha Andra Carnegie an deigh coig mile deug dolair a thairgse do Shidni air son togalach leabhar-lann (library) a chur suas; tha so air chumha gu’m bi an leabhar-lann saor, agus gu’n cuir am baile coig ceud deug dolair air leth na h-uile bliadhna air son a chumail air adhart agus tuilleadh leabhraichean a chur ’na cheann. Tha Mr. Carnegie anabarrach beairteach—tha mu choig millein deug dolair ’sa bhliadhna de theachd-a-steach aige. Tha e gle fhialaidh m’a chuid airgeid, agus cha’n eil ni a’s docha leis a dheanamh na àireamh mhiltean a thoirt seachad do bhailtean, beag us mor, air son leabharlann. Tha sinn an dòchas gun gabhar ris an deagh thairgse tha e nise toirt do’n bhaile so. Chuireadh gu bàs àireamh de cheannardan an àir-a-mach ann an Sina, ach tha Prionnsa Tuan, ceannardan nam Boxers, beò fhathast agus saorsa thoile féìn aige. Tha Ruisia gun teagamh an deigh seilbh a ghabhail air Manchuria, agus tha na beachd an t-seilbh sin a chumail mur cuir na rioghachdan mor’ eile na h-aghaidh. Tha Breatunn gle dheònach sin a dheanamh, ach cha’n urrainn dhi a dheanamh ’na h-aonar. Tha i air son gu’n seas na Staidean ri ’cùl anns a’ chùis, agus ma sheasas, feumaidh Ruisia a greim fhuasgladh. Bidh fhios an ùine ghearr ciod a tha ’m beachd nan Staidean a dheanamh. Tha e gle mhi-fhortanach nach eil na Rioghachdan Mora na’s aontaichte na tha iad; na’m bitheadh iad mar sin, dh’ fhaodadh an troimhe-cheile ann an Sina a bhi thairis fada roimhe so. Ach cha’n ’eil ’s cha robh iad aontaichte, agus air an aobhar sin tha cùisean mar a tha iad. Bhiodh an àireamh mhor dhiubh lan dheònach air Sina a roinn mur b’e an t-eagal a th’air gach aon nach faigheadh i féin an roinn bu mhotha. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de BHIADH BHEOTHAICHEAN, tha na tha againn ’nan deagh chunnradh. Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1.30 am poca. Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd. Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann. Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4.00 againn fhathast. Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. F. & J. MORLEY. [TD 286] [Vol. 9. No. 37. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXXI. Air madainn an ath latha chual iad gun robh an t-àite so de’n dùthaich gu bhi air a chuartachadh le luchd-tòireachd, uime sin thog iad orra n’ a b’ fhaide gu tuath, agus m’a thrì uairean sa’ mhadainn, (air an t-seachdamh latha fichead de ’n mhìos) raing iad Gleann-Seile ann an Ceann-tàile. Bha nis’ an cuid bìdh air teirigeachadh; chaidh dithis de’n phàirti air tì bìdh a cheannach agus an dithis eile a dh’ fheuch am faigheadh iad gille dheanadh an treòrachadh thar nam monaidhean gu ruige Poll-Iù, far an cual iad a bha dà long chogaidh Fhràngach ’nan laidhe, a thainig a los Tearlach a ghiùlan a Alba gu ruig an rìoghachd sin. Cheannaich a chiad dithis biadh bho thuathanach ann an Gleann-Seile da ’m b’ainm Gille-Criosd Mac-Rath, ach dh’ fharlaich air an dithis eile gill’ fhaotainn a threòraicheadh iad gu Pol-Iù, a thaobh cuideachdan dheth an arm dhearg a bhi feagh gach àite de ’n dùthaìch, bho Chille-Chùimean gu port an t-Sròim. Thainig a phàirte bheag so aon uair eile an ceann a chéile, an deigh thighinn tro iomadh gàbhadh, oir cha bu lugha na trì cuideachdan dheth an arm dhearg a chunnaic iad air an turas do’n Ghleann. ’Nuair a shuidh iad gu biadh ann an glaic uaignaich chunnaic iad duine tighinn le leathad ’nan dàil ’na dheann ’s cha b’ fhada gus na sheas e’n taice riu a’s anail ’na uchd. Dh-aithnich fear Ghlinn-Aladail an duine, fear do Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh a bh’ ann; bha e maille riu ann an cogadh Thearlach anns gach blàr a chuir iad, agus bha e na dhiùlach tapaidh, ged a b’ eiginn da teicheadh á dhuthaich fein le eagal nan saighdearan dearga a bha ’n tòir air a bheatha, agus a bha an deigh athair a mharbhadh an latha roimhe sin. Chuir iad muinntearras air an dnine so gu bhi na cheann-iùil daibh air feadh nan dùthchan ma thuath agus phill Dòmhnull Cameron dachaigh gu Dùthaich Loch-Iall. ’Nuair a thainig a mhadainn, thuirt an duin’ á Ghleanna-Garadh gu ’m b’ eol da prasgan fhògarrach a bha chòmhnaidh fagus do’n àit’ anns an robh iad ’nan seasamh, agus ’nan gabhadh iad os làimh an aire ’thoirt air Tearlach, gu’n cumadh iad tearaint’ e ge b’oil le feachd rìgh Seòras. B’iad so seachdnar cheathairneach ainmeil Ghlinne-Moireaston. Bha iad maille ri Tearlach féin anns gach blàr a thug e; agus an deigh latha chail-Fhadair chunnaic iad na bh’ aca de spréigh air an giùlan air falbh mar chreich do ’n nàmhaid; chunnaic iad cuid de ’n càirdean d’a mort leis an àrm-dhearg mar bhiastan nimhe, agus cuid eile dhiu d’ an giùlan air falbh, mar thràillean gu deireadh an laithean a chaitheamh, ann an daorsa measg choigreach gun treòcair ann an tìr chéin. Chunnaic iad an athraichean mar chuspairean àbhachd ro ghunnaidhean nan Gall, am màthraichean agus am peathraichean agus an cuid ban a’ bàsachadh a chin bìdh, agus an leanbanan a chion baine, agus aitribhean còmhnaidh an sinnsir ga ’n losgadh gu làr! Leis gach nì dhiu sud bha ’n cridheachan air an cruadhachadh an aghaidh an Diùc, agus an inntinnean air glacadh misnich, air chor ’s gu ’n cheangail siad iad-féin ann an cùmhnanta agus thug iad bòidean air an cuid biodag nach dealaicheadh iad ri chéile agus nach geileadh iad do ’n righ cho fad sa bhiodh boinne de ’n fhuil blàth ’nan cuislean, agus nach dealaicheadh iad rin cuid àrm cho fad sa’ bhiodh an deò nan cré. Bha iad seachdnar an’ àireamh:—Pàdruig Grannd, (tuathanach ris an canadh muinntir na dùthcha “Pàdruig dubh a Chrasgaidh.”) Iain Dòmhnullach, Alasdair Dòmhnullach, Griogair Mac-Ghriogair, agus triùir bhràithrean, Alasdair, Dòmhnull, agus Uisdean Siosal; ach air do ’n Phrionnsa thighinnn còladh riu thainig fear eile nan ceann da’ m b’ ainm Uisdean Mac-Mhaolain, chaidh esan fo na bòidean ceudna chaidh càch. Bha na ceathairneich so a gabhail còmhnaidh ann an uaimhean nam beann a creach agus a màrbhadh gach duine chìtheadh iad a bhuineadh do ’n àirm dhearg, agus bu tric a phill iad na creachan a bha muinntir an Diùc a’ togail bho shluagh eile na dùthcha. A thaobh gur ann fo thearmunn nan gaisgeach so a bha Tearlach a nise gu dhol, mu ’n téid mi nis faid air m’aghaidh ann an eachdraidh a mhòrachd rìoghail, aithriseam cuid de ghniomhan euchdach nan gaisgeach. Ma fhichead latha as deigh blàr chuil-Fhodair, bha seachdnar shaighdearan dearga air thuras á Cille-chuimein gu Gleann-Eilge. Bha dà each aca so a’ giulan chliabh làn de dh’ aran crionachd agus do dh-fhion. Thachair na saighdear an so ri ceathras de cheathairneich Ghlinne-Moireaston ann an àite garbh dlù do’n t-slighe, agus gun fhacal a ràdh loisg iad an ceitheir urchraichean comhladh, agus thuit dithis de na saighdearan gu ’n éiridh tuilleadh. Ghlac maoim an cùignear eile, agus thug iad am buinn as a fagail nan each, agus nan sac ’nan deigh. Thiodhlaic na ceathairneich an dìthis mharbha, leig iad na h-eich fa-sgaoil, agus ghiùlain iad na cléibh arain a’s fhiona a chum na h-uaimhe ’m braigh a’ Ghlinne. An ceann da latha an deigh sin, thachair iad ri Rob Grannd duine ’mhuinntir Shrath-Spé, a bha dol mu ’n cuairt a bhrath cho liugha dheth na Gàeil a dh-éirich le Tearlach sa’ chitheadh e. Thilg iad esan mar an ceudna, sgar iad a cheann bho chorp agus cheangail iad e le gad AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 287] [Vol. 9. No. 37. p. 7] seilich ri craoibh chaothrain os-ceann an rathaid mhòir ann an Gleann-Moireaston, mar shùlachan do gach luchd dò-bheirt eile de ’n t-seòrsa sin a ghabhadh an t-slighe. An ceann cheithir latha an deigh so thachair iad ri buachaille a dh’ innis dhaibh gun tug na saighdearan dearga an croth air falbh bho bhrathair athar Phàdruig Ghrannd, gu ’n thachair iad risan air iomain gu Ghleann-Eilge, agus gun robh iad mar àm fagus do Chnoc-Lundaidh. Cha bu luaithe chuala na ceathairneich so na dh’ fhalbh iad nan seiseir air an tòir, agus cha do stad iad gus an deach iad air thoiseach air na saighdearan (a bha ma dheich duine fichead an àireamh agus dithis oifgeach) an ionad de ’n rachad a bh’ air a ghearradh tro phreasan a’s gharbhlach, sheas na ceathairneich os an ceann air a bhruthaich, agus loisg iad làd nan seachd gunna sios air na saighdearan a ghabh a leithid a’ dh’ uabhas is gu’ n theich iad air falbh le’m beatha gun sealtainn aon uair as an deigh gus an d’ rainig iad Cille-Cheumein, a fagail each air an robh dà chliabh làn arain chrithneach a’s feòla, uisge-beatha, branndaidh, siùcar, agus pailteas tombaca! ’Nuair a thiodhlaic na ceathairneich na bha marbh de na saighdearan, chaidh cùignear dhachaigh leis a’ chroth, agus an dithis eile leis na cléibh a bh’ air an each, ni air an robh iad gle shòghar fad ioma latha. Bha ’m Prionnsa nise ro dheonach dol a chomhnaidh maille ris na ceathairneich so, n’am b’e is gu ’m biodh iad air son da dhol ann; air an aobhar sin dh’ fhalbh bràthair Fhir Ghlinn-Aladail, agus an duine mhuinntir Ghlinne-Garaidh ma thri uairean sa’ mhadainn (air an naoidheamh latha fichead de ’n mhìos) do ’n bheinn anns an robh iad a chòmhnaidh. Air dhaibh na ceathairneich fhaotainn, thuirt bràthair Fhir Ghlinn-Aladail riu, gun robh Tighearn’ òg Chlainn-Raonaill air fògar fagus do’n àite, agus gu’n robh e air son fasgath agus dìon fhaotainn uapa-san, nan deonaicheadh iad sin a thoirt dha. Thuirt na ceathairneich fhiùghantach gu ’n deònaicheadh iad le ’n uile chridhe, esan a thighinn agus gu ’n nochadh iadsan dha gach caoimhneas a bha ’nan comas, agus chur iad fios da ionnsaidh e thoirt coinneamh dhaibh ann an uamhaig Choirre-ghoth ’am Bruthaichean Ghlinne-Moireaston aig uair shònraichte, agus gu ’n gabhadh iad cùram dheth. Thog am Prionns’ agus a luchd-leanmhuinn orra agus rainig iad coirre-Ghòth air a’ cheart uair a gheall iad. Cha robh mu ’n àm anns an uaimh dhe na ceathairneich ach an dithis, an Dhòmhnullach agus Alasdair Siseal. Chaidh fear Ghlinn-Aladail a steachd do’n uaimh agus thuirt e riu gu ’n robh Tighearna Chloinn-Raonaill aig an dorus; ach cha bu luaithe a chunnaic iad an duine a bhasa ’g innse dhaibh bu Thighearna Chloinn-Raonaill, na bhuail iad am basan le aighear, ghlaodh iad:—“Am Prionns’! Am Prionns’! a bheatha do Choirre-Ghoth.” Dh’ aithnich iad Tearlach a’ cheud sùil a thug iad air aghaidh agus thug iad e-féin agus a luchd-leanmhuinn gu léir a staigh do ’n uaimh chuir iad biadh a’s deoch fa ’n comhair, cha b’fhad an deigh sin gus an tàinig an ceathrar eile de na gaisgeich le feòl a’s sithinn am pailteas: ’nuair a chunnaic iad so am Prionnsa cha b’ iad bu lugha gàirdeachas na’n còmpaneich, agus thug iad air an òidhche sin féin nan seachdnar am bòidean air an cuid biodag ann an làthair nan uaislean:—“Gu ’m biodh iad dìleas gu bàs, agus nach innseadh iad do dhuine, no mhnaoi, no phàiste, gu ’n robh am Prionnsa maille riu gu ceann latha ’s bliadhna.” Iadsan a Phaigh. Aonghas N. Mac Amhlaidh, New Boston. A. B. Domhnullach, Meat Cove. Ailean Camaran, Amhuinn Dhennis. Domhull Mac Amhlaidh, Glace Bay. P. A. Domhnullach, Glace Bay. Mairi E. Nic Gilleain, Gabaruse. Calum A. Mac Leoid, Sidni. Domhull Martuinn, Orangedale. Gilleasbuig Moireastan, Rathad Horne. Gilleasbuig Domhnullach, an t-Allt Dubh. Calum Bryden, am Beighe ’n Ear. Seonaid Nic Artair, Amhuinn Inhabitants. Bean T. ’Ic-an-t-Saoir, Loch Laomuin. Domhull D. Mac Leoid, Framboise. An t-Urr. L. I. Mac-a-Phearsain, Antigonish, N. S. An t-Onarach A. Mac Gillebhràth, Antigonish, N. S. I. I. Mac Leoid, Beinn Mhic Mhannain. (Air a leantuinn air taobh 288.) Tha an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 288] [Vol. 9. No. 37. p. 8] Marbhrann do Chalum Ruadh Mac-Coinnich. LE RUAIRIDH, A BHRATHAIR. ’Righ, gur mis’ ’tha bochd, truagh, Is tric deoir air mo ghruaidh, ’S mo is tric mi ri luaidh mo dhòruinn; ’S mi ri cumhadh ’n fhir ruaidh, ’Dh’ fhàg mi thall thar a chuain, Far nach cluinn mi, a luaidh, do chòmhradh. ’S e mo chridhe ’tha brùit’, Is tric snigh’ air mo shùil, Is thuit m’ inntinn gu tùrs’ is bròn dhomh. Is ann agam ’tha ’m fàth, ’S mi a chaill mo dheas làmh, Mo thasgaidh, ’s mo bhràthair ro mhath. Aona bhràthair mo ghaoil Dh’ fhàg cho muladach mi Is nach urrainn dhomh inns’ mo dhoruinn. Is ann dhomhsa ’tha buan, ’H-uile mionaid is uair, A bhith cuimhneachadh buaidhean t’ oige, ’S cha ’n fheil lighich’ fo ’n ghrein A leighiseas mo chreuchd; Cha dean sin ach Mac Dhé na gloire. Bho ’n a thainig gun dail Ortsa sumanadh bàis Thuit mo chridhe gu sàil mo bhròige. Sud am bàs ’thig gu teach Air sliochd Adhaimh fo leth; Rinn an nàmhaid air creach le seoltachd. Mur b’ e ’n Ti le ’mhor ghràs A rinn seasamh ’n ar n-àit, Bhiodh sinn uil’ aige bàthte còmhla. Tha mi ’n dochas, a ghraidh, Gun d’ rinn creideamh thu slàn Anns an Ti ’sa bheil fàth ar dòchais. Cha ’n fheil teagamh ’nam chridh’ Nach fheil t’ anam an sith Mar-ri ainglibh a seinn nan oran. Bu mhi ’n t-Oisein bochd, truagh, ’S mi a dh’ fhaodadh a luaidh, Gu ’m bu diombuan neo-bhuan do sheorsa. Bha iad foghainteach, garbh, ’S bha iad math air ceann airm, ’S bu mhath cuid diu gu sealg fear cròice. Chunnaic mise thu-féin Uair nach faicinn air féill, No ’n co-thional nan ceud aig òrdagh, Fear ’bu smearaile ceum, Air an rathad lom, réidh, ’S tu a gluasad fo t’ éideadh Dòmhnaich. Thigeadh féileadh nam ball Mu na cruachain ’bu trom,— ’Se nach feumadh bhi gann na ’dheanamh,— Gartan craobhach, caol, datht’, ’S osan gearr de ’n chlò bhreac, Bho laimh taillear ’bu mhath gu ’fhiaradh, Air an iosgaid ghil, dhlùth, ’Bu ro-shoilleir fo ’n ghlùn, Air an dearcadh gach sùil air lianaig; ’S cha bu chladhaire thu Nuair a chuirt’ thu gu d’ chùl, ’S cha robh taise nad ghnùis gu striochdadh. Mo ghràdh an spalpaire grinn Air an laigheadh na rainn, Air nach d’ rainig an aois mhor bhliadhnaibh; Dha ’n robh cridhe neo thoinnt’, Leis nach d’ rugadh an fhoill, Pàirteach, furanach, foirmail, fialaidh; Fear fior mhodhail ’s e ciùin, ’S fiamh a ghàir’ air a ghnùis, ’S e ’na labhairt cho mùint’ ri maighdinn; Ann an cruadal ’s an tùrn ’S tu nach teicheadh air chùl, ’S bha thu fearail an cùisean saighdeir. Gur h-e ’n t-eug ’bha gun bhàigh, Bhuail e palsaidh ’nad laimh, ’Chaidh le sumanadh bàis ga t’ iarraidh; Is maor le ’n d’ théidear an t-aog Nach gabh cumha no cìs, Ach ’bhi umhailt’ gach taobh gan iarr e; ’S maor e ’bhagras gach righ, Anns gach cath agus strith ’Chumadh cogadh fad mhìltean bliadhna. Tha e treun anns gach blàr, Is lann gheur na dheas laimh Do’m feum uile shliochd Adhaimh striochdadh. Bho ’n a sheol mi thar cuain Do ’n tìr iomallaich, fhuair s’, Fhuair mi carrachdainn cruaidh gu leoir innt’, Bho ’n dh’ eug Màiri mo rùin, ’S a chaill mi fradharc mo shùl, ’S mor gu ’m b’ fhearr leam bhi ’n dùthaich m’ eolais. Gu bheil m’ aigneadh gach uair ’Ruith an null thar a chuain, ’S mi ri cumh’ Chaluim Ruaidh ’s nach beo e; ’S mi mar dhuine gun cholg De an spuillteadh ’chuid airm, ’S gur h-e cumha nam marbh a leon mi. Tha gach fear ’thig as ùr, ’G ìnns’ a chòrr dhe do chliu, De na thainig an tùbh s’ thar fairge; ’S bidh gach fear a dh’ fhan thall ’Cur an aonta na ’cheann Nach deach aon ni ’chur meallt’ ad mharbhrann; A laoich mhisneachail, threin, Dha ’n robh gliocas le céill, Anns gach sùbhaile ’bha ceutach, ainmeil; ’Nis on bhàrc ort an t-eug Thuit an cùl as mo sgéith, ’S mi gun bhràthair fo ’n ghrein bho ’n dh’ fhalbh thu. Brosnachadh-Catha Chlann-Domhnaill. LE LACHAINN MOR MAC-MHUIRICH. A Chlanna Chuinn, cuimhnichibh Cruas an àm na h-iorghuill,— Gu àirneach, gu arronnach, Gu àrach, gu allanta, Gu athlamh, gu arronta, Gu allmhara, gu arachdach, Gu anmhorach, gu aon-innt’neach, Gu àr-meineach, gu anamanta, Gu ascaoineach, gu airfideach, Gu allta, gu anabarrach, Gu ann-meinneach, gu an-glonnach, Gu ainteasach, gu anmhurrach, Gu arm-leonach, gu acfhuinneach, Gu arm-chreuchdach, gu aigeantach, Gu ailgheasach, gu agarach, Gu àghmhor, gu abarach, Gu airbheartach, gu ath-bhuilleach, Gu an-dligheach, gu ath-mhilleach, Gu ainmeil, gu allail, Gu àrdanach, gu ath-sheallach, Gu aon-ghuthach, aon-chridheach, Aon-ghneitheach, all-bhuadhach. Gu urranta, gu ùr-mhaiseach, Gu ùr-chleasach, gu uaibhreach, Gu uil’-fheargach, gu uaill-fheartach, Gu urchoideach, gu uamhasach, Gu urrasach, gu urramach, Gu ur-loisgeach, gu uachdarach, Gu ur-mhailleach, gu uchd-ardach, Gu uidhimicht’, gu ùghdarrach, Gu ùpairneach, gu ùr-ghleusach, Gu ùr-bhuileach, gu ùr-speallach, Gu ùr-labhrach, ùr-lamhach, ùr-neartmhor, Gu cosnadh na cath-làraich Ri bruinne bhur biuthaidh.— A Chlanna Chuinn Cheutchathaich, ’S i ’nis uair bhur n-athneachaidh, A chuileinean confhadhach, A bheithrichean bunanta, A leoghannan làn-gasda, Onchonaibh iorghuilleach, De laochraidh chrodha churanta De Chlannaibh Chuinn Cheutchathaich, A Chlanna Chuinn, cuimhnichidbh Cruas an àm na h-iorghuill. Bruinne, the breast, front. Biuthaidh, a formidable foe. Confhadhach, furious. Bunanta, strong. Onchu, a wolf. Rinneadh am brosnachadh-catha so ’sa bhliadhna 1411. Tha sruth gasda de dh’ fhacail ann, ach cha ’n fheil móran de bhàrdachd ann. (Air a leantuinn o thaobh 287.) U. Domhnullach, Gleann Martuinn, E.P.I. A. W. Mathanach, Gleann Uilleim, E. P. I. Gilleasbuig Domhnullach, Brooklyn, E. P. I. I. R. Mac Gill-fhaollain, an Amhuinn Innseanach, E. P. I. Caipt. L. Moireastan, Coruna, Ont. Peigi M. Nic Neill, McCrimmon P. O., Ont. Iain Mac-an-t-Saoir, Stratford, Ont. Uisdean Jack, Stratford, Ont. A. Mac Neill, Orr, Dakota Tuath. Mairi Mhathanach, Harding, Mass. Iain I. Mac Gille-mhicheil, Hardwick, Vt. W. J. Domhnullach, Fleming, Assa. Bas. Ann an sgire Strathalba, an Eilean a’Phrionnsa, air an ochdamh latha deug de ’n mhios a dh’ fhalbh, Tormad Rothach, tri fichead bliadhna ’sa naodh deug a dh’ aois. Rugadh e anns an Eilean Sgiathanach. Bu mhac bràthar e do’n “Cheistear Dhall,” Domhnull Rothach nam mor bhuadh. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar tha do Shuilean? N an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. [TD 289] [Vol. 9. No. 38. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 22, 1901. No. 38. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XVI. AONGHAS IS DOMHULL A’ CUR AN COMHAIRLE RI ’CHEILE. BEAGAN làithean an déigh na bainnse, thill Aonghas dhachaidh. Bha an feasgar anamoch ann mu ’n d’ ràinig e taigh ’athar. Cha robh e fad air ruighinn dhachaidh an uair a thàinig Domhall beag mac Sheumais agus dithis no triuir eile de ghillean òga nam bailtean air chéilidh feuch an cluinneadh iad ciod an seòrsa bainnse a bha aig Iain Camaran ann an Cul-fraoin. Dh’ innis Aonghas dhaibh a h-uile car mar a thachair aig a’ bhanais; agus thug an obair a bh’ air Eoghainn Bàn oidhche na bainnse ceòl spòrs gu leòr dhaibh. Ged a bha toil aig Domhull beag naigheachd na bainnse a chluinntinn, cha b’ ann air a son a ghluais e o’n taigh; oir bha naigheachdan aige ri innseadh do dh’ Aonghas mu thaigh ’s mu theaghlach a’ mhaoir. Ach air eagal gu ’n gabhadh muinntir an taighe, no an luchd céilidh, amhrus gu ’n robh diomhaireachd shònraichte sam bith eatorra, cha do leig e air gu ’n robh naigheachd ùr sam bith aige ri innseadh dha. Thuig Aonghas gu math gu ’n robh naigheachd aig Domhull ri innseadh dha; oir bha e ’ga dheanamh fhein làn chinnteach gu ’m faighteadh am mach, luath no mall, gu ’n robh iad a’ far-chluais an oidhche a bha am maor agus a theaghlach a’ taghadh dhaibh fhein nan aodaichean a b’ fhearr a chuir bean an uachdarain dhachaidh a dh’ ionnsuidh bochdan na dùthchadh. Mar b’ e gu ’n robh mac Lachlainn a’ far-chluais air fhein ’s air Domhull, is dòcha gu ’n robh an gnothach air a chumail an cleith. Ach mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, “Cha sgeul rùin e, ma chuala triùir e.” Feasgar an là-iar na-mhàireach, thachair Aonghas is Domhull ri ’chéile ann am braighe a’ bhaile. Bha Aonghas agus a ghunna fo ’achlais a’ falbh do’n mhonadh feuch an tachradh fithich, no feannag, no seabhaig ris; oir bhiodh na h-eòin so a’ deanamh domail mhòr air uighean ’s air còin nan cearcan fraoich mur cuirteadh as dhaibh. Cha b’ e na bha de thoil aige an lath’ ud cur as do na h-eòin so a thug air falbh o’n taigh, ach feuch an tachradh Domhull ris mu ’n tilleadh e. “Is tu a’ cheart duine a bha toil agam fhaicinn an diugh,” arsa Domhull, an uair a chuir e failte air Aonghas; “agus is math leam gu ’n do thachair thu rium. C’ àit ’am bheil romhad a dhol an diugh?” “Bha romban thu fhein ’fhaicinn air m’ fhalbh no air mo thilleadh; agus air eagal gu ’n gabhadh na coimhearsnaich amhrus gu ’m bheil diomhaireachd sam bith eadrainn, thug mi leam an gunna fo m’ achlais. Is cinnteach gu ’n robh do shuilean ’s do chluasan fosgailte ris na bha thu ’faicinn ’s a’ cluinntinn o’n a chunnaic mi mu dheireadh thu,” ars’ Aonghas. “Nach fhaca tu an raoir mi? Cha mhòr a b’ urrainn domhsa ’fhaicinn no a chluinntinn o dheich uairean an raoir an uair a dh’ fhalbh mi as an taigh agaibh fein. Ged a bhiodh sùilean air chùl mo chinn, agus ged a chluinninn am fear a’ fàs, cha rachadh agam air mòran fiosrachaidh ’fhaighinn o dheich uair an raoir,” arsa Domhull. “Nach fhad o chuala tusa gu ’n tig rud ri latha nach tig ri aimsir. Cha bu bheag na chunnaic s na chuala mise agus tusa an oidhche a bha sinn aig uinneagan a’ mhaoir an deigh deich uairean ’san oidhche. Cha rachainn an urras nach do ghabh thu dìreach gu taigh a’ mhaoir an uair a dh’ fhalbh thu as an taigh againne.” “Ma chreideas tu an fhìrinn, cha do sheas mo chas ann an taigh a’ mhaoir o’n a dh’ fhalbh thu thun na bainnse. Tha amhrus làidir agam nach seas mi ann an dà latha so. Thainig rud no dhà a dh’ ionnsuidh mo chluasan a thug orm gu ’n do chuir mi freiteach nach rachainn a steach air dorus an taighe aca, mur toir an fhìor éiginn orm a dhol ann. Dh’innis an sliumair suarach ud aig Lachlainn ann an taigh a’ mhaoir a h-uile facal dhe ’n chomhraidh a bha eadar mi fhìn ’s tu fhein an oidhch’ ud; agus chuir e a’ chòig uiread deug ris. Agus rud bu miosa na sin, dh’ innis e dh’ a mhàthair e, agus do mhuinntir a’ bhaile. Tha d’ ainmsa agus m’ ainmsa air a dhol fad is farsuinn air feadh na dùthchadh. Tha mi air mo nàrachadh eadar a h-uile rud a th’ ann. Thàinig an naigheachd gu cluasan mo mhàthar, agus tha i anabarrach diumbach dhinn le chéile. Is ann eadar mise dh’ fhalbh do ’n taigh agaibh fein an raoir agus mi thilleadh dhachaidh a chuala mo mhathair o bhean Lachlainn e. Cha d’ thug i guth ri m’ athair m’ a dheidhinn; ach an uair a chunnaic mise gu ’n do chuir an gnothach a bh’ ann a leithid de dhragh oirre, thug mi mo chasan as air cheann gnothaich do ’n Bhaile Mhor, agus tha mi dìreach air tilleadh air a’ cheum.” “Nach dubhairt mise riut, a Dhomhuill, gu ’n deanadh mac Lachlainn an dunaigh oirnn? Nan rachadh esan ri cuideachd a mhathar bhiodh a theangadh luath gu leòr. Am blaomasdair truagh, cha b’ ann air turas measail a bha e air falbh o’n taigh an oidhch’ ud. Is beag a tha dh’ fhios aig ’athair ’s aig a mhàthair air an dòigh anns am bheil e ’cur seachad na h-ùine. Tha iad a leigeadh tuilleadh ’s a’ chòir dhe ’thoil fhein leis, agus cha ’n fheairrd e sin air a’ cheann mu dheireadh. Chi thusa mar a thachras dha, agus cha bhi fad uige. Coisnidh e diumbadh gu leòr dh’a athair ’s dh’ a mhàthair le luaths a bheoil. Cha bhi teaghlach a’ mhaoir cho buidheach dheth ’s a tha e an dùil. Ged a chuir sinne romhainn nach biodh cuid no gnothach againn ri te seach te de nigheannan a’ mhaoir, cha robh sinn a’ smaointean gu ’m b’ e ar gnothach na chunnaic ’s na chuala sinn a sheinn air feadh na dùthchadh. Ach a nis o’n a chaidh am beag sgeul thun a’ mhòir sgeil, cha ghabh an gnothach cleith tuilleadh. Bu cho math an gnothach a bhith air a chumail am falach ri e bhith air aithris am beul gach duine.” “Chuir an gnothach a bh’ ann mise gu smaointean gu leòr o’n a dh’ fhalbh thu. Air oidhche àraidh an uair a bha m’ athair a’ leughadh anns a’ Bhiobuil ghabh na facail so greim air an inntinn agam:—“Deanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàruichte; cumaibh còir ris an dilleachdan; tagraibh cùis na bantraich.” Thug na briathran so orm a bhith ’smaointean nach robh e ceart dhuinn an déigh na chunnaic ’s na chuala sinn, leigeadh leis a’ mhaor a bhith ’cumail an codach fhein o na bantraichean ’s o na dilleachdain. Saoil thu fhein nach uamhasach an gnothach do dhuine sam bith an t-aodach laidhe is éirigh a chuir am boirionnach còir, grinn, uasal dhachaidh gus na diolacha-déirce truagha a chumail blàth, a thoirt uapa? Creid thusa mise, ma bhios am maor a’ faighinn cead a thoil fhein a dheanamh, feuchaidh e ris an fhearrann a’s fhearr a tha eadar da cheann na dùthchadh a thoirt o na daoine bochda dìchiollach aig am bheil e, gus a thoirt do na fir a phòsas a chuid nighean.” “Innsidh mise dhut, a Dhomhuill, an rud, a réir mo bharail-sa, a’s còir dhuinne a dheanamh. Fanaidh sinn samhach gus an faic sinn ciod a thig as a’ ghnothach so. Ma thig an gnothach gu cluasan bean an uachdarain, chi thusa gu ’m bi rud m’a dheidhinn. Ma chuirear air ar mionnan sinn, feumaidh sinn an fhìrinn innseadh ge b’e air bith co dh’ fhuilingeas air a shon. Gus a sin, is e ar gliocas fuireach samhach. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, ‘Cha chuirear féich air beul dùinte.’ Biodh muinntir Lachlainn a’ cluich. Ma tha iad fhein agus am maor mòr aig a chéile, cha ’n fheairrde cùisean gur ann aca a chualas an sgeula maslach ud. Ged a chual’ e sinne a’ bruidhinn eadrainn fhin, cha ’n ’eil fianuis aige oirnn. Tha mise ’creidsinn gur mò a bhios de mheas aig muinntir a mhaoir oirnne an déigh a h-uile car na bhios aca airsan. Cha robh agus cha bhi meas air luchd na h-innsireachd.” “Air eagal gu ’m faicear cuideachd sinn, ’Aonghais, agus gu ’n gabhar amhrus gur ann a’ cur ar comhairle ri ’chéile a tha sinn, is fhearr dhuinn a bhith ’dealachadh an dràsta. Theid thusa air chéilidh do ’n taigh againne ’nochd; agus ma chuireas mo mhàthair ceisd oirnn mu ’n ghnothach, is fhearr dhuinn an fhirinn ghlan innseadh dhi. Theid mi an urras nach toir i guth gu bràth air aon fhacal a dh’ iarras sinn oirre a chleith.” (Ri leantuinn.) Mortadh Iain Stiubhairt, Morair Lathuirne. B’E Iain Stiùbhart am Morair mu dheireadh de’n fhine a bha air Lathuirne, agus chuireadh gu bàs e ’na sheann aois, air an dòigh an toirear cunntas anns an sgéul bhig a leanas. Cha’n ’eil do réir coslais, aon de luchd-leughaidh na sgeula so nach cual iomradh air daingneach Dhunstainnis, goirid o’n Oban, ann an Siorramachd Earraghàidheil. Cha’n ’eil fhios cinnteach a nis c’uin a thogadh an daingneach làidir sin an toiseach. Tha cuid a’ deanamh a mach gu’n [TD 290] [Vol. 9. No. 38. p. 2] do thogadh e mu’n d’ rugadh ar Slànuighear; ach biodh sin mar dh’fheudas, tha e ’na nì dearbhta gum bheil e anabarrach sean, agus gu’n robh e mar lùchairt aig ceud rìghribh na h-Alba, no Chaledonia. Chìthear mu’n cuairt do’n daingneach so iomadh comhar air gnìomharaibh fuilteach nan lìnn a dh’fhalbh. Tha e air a thogail air creig àird, a ghearradh ceithir-shlisneach, agus a rinneadh mar sin co corrach ’s nach b’ urrainn innleachd a bhi aig nàmhaid air dìreadh suas. Bu lìonmhor àrd-churaidh “Do shliochd rìoghail Chloinn Ailpein ’S do Chloinn Ghriogair nan glas-lann, A rugadh, ’sa dh’ àruicheadh, Anns na daingneach ro làidir sin.” “Sliochd nan righre dùchasach, Bha shìos an Dùnstainnis, Aig an robh crùn na h-Alb’ o thùs, ’S aig am bheil dùchas fathast ris.” O cheann còrr agus tri cheud gu leth bliadhna, bha Morair Lathuirne, air an d’ rinneadh iomradh a cheana, a’ gabhail còmhnuidh ann an Dùnstainnis. Bha e, ’san àm air am bheil sinn a’ labhairt, ’na sheann duine, agus air cromadh le h-aois. Fhuair a bhean bàs, agus dh’fhag i triùir nighean ’na déigh—ribhinnean co maiseach agus àluinn ’sa bha idir ’sa Ghàidhealtachd. A thuilleadh air na nighinnaibh so, bha aon mhac aig Morair Lathuirne, do’m b’ ainm Dughal, ach bha e dìolain. B’i boirionnach uasal bu mhàthair do ’n oganach—té de Chloinn Mhiclaurainn. Ach ged bha Dughal ’na òganach sgiamhach agus gaisgeil, agus ged bha gràdh mor aig athair da,—an deigh sin uile cha b’ urrainn e bhi ’na oighre air ’athair do bhrigh gu’n robh e diolain. Bha e ’cur mòrain cùraim air an t-seann Mhorair gu ’n tuiteadh an oighreachd leis an nighinn bu shine, a phòsadh, a réir coslais, fear de chinneadh eile, agus mar sin gum biodh Lathuirne gun Stiùbhartach an là bu bhàs da féin. Air là àraidh, chaidh Dughal a steach do sheòmair ’athar; agus fhuair e an seann duine na shuidhe ’na aonar, agus, a réir coslais, a’ beachd-smuaineachadh gu dùrachdach air ni-eigin a bha ’cur mòrain iomaguin air inntinn. “Athair,” ars an t-òganach, “am bheil sibh ’nur slàinte? oir tha mi faicinn gu’m bheil ni-eigin a cur dragha oirbh. Innsibh dhomhsa ciod is aobhar d’ur bròn, agus ma tha comhfhurtachd ann an comas mac màthar ann an Lathuirne, bheir mise dhuibhse comhfhurtachd air ball.” Dh’ amhairc an seann laoch gu ciùin ann an gnùis a mhic, agus thubhairt e:— “A Dhùghail, mo ghraidh! tha, gun teagamh, mòr thrioblaid air m’ inntinn, agus tha nithe a ta ro chudthromach annta fhein ’gam fhàgail an diugh fo bhròn. Tha mi ’tuigsinn gu’m bheil mo laithean air an talamh a’ dluth-dhruideadh gu crìch; agus, an uair a thig a’ chrìch sin, bithidh tusa, a mhic mo ghraidh, air t’fhògradh air falbh; agus thig oighre eile air m’ fhearainn-sa, trid an caillear ainm mo chinnidh, agus trid am feud mo mhaoin agus m’ oighreachd tuiteam ann an làmhaibh a bha riamh, feudaidh e ’bhith, mi-runach agus naimhdeil domh. Uime sin, a Dhùghail, mo ghraidh! tha na ceistean sin uile trom ormsa.” Dh’éisd an t-oganach gu dùrachdach ri briathraibh ’athair, agus thubhairt e ris,— “A nis, athair, chuala mi o’r bilibh aobhar bròin ùr cridhe. Gheall mi comhfhurtachd, ma bha comhfhurtachd a thabhairt ann an comas mac màthar ann an Lathuirne; agus a nis, ’athair, ma ghabhas sibhse comhairle mic, bithidh am mac sin mar is àill leibh e a bhith, agus thig crioch air aobhar bhur bròin. ’N aon fhocal, posaibh mo mhàthair; agus an sin, le lagh na dùcha, bithidh m’ oighre dligheach, agus, mar is còir do’n chùis a bhith, seasaidh am mac ann an àit’ an athar.” “A Dhùghail, labhair thu gu ceart; agus, mar is beò mise, bithidh do chomhairle gun dail air a ghabhail. Falbh, a Dhùghail; falbh gu h-ealamh. Faigh cuideachd threun, misneachail, agus ealanta—uidheamaich am bìrlinn mòr—biodh do mhàthair agad an so roimh chromadh an anmoich am màireach; agus bithidh gach ni deas agamsa fa chomhair a chuideachd a dheònuicheas tu a thoirt an so maille riut. Air an aobhar sin, faigh companaich, agus sgioba gleusda, chalma, gu h-ealamh,— Togaibh bhur siùil, tàirnibh bhur ràimh, Grad ruithibh gu tràigh, is buaidh leibh.” Bha piuthar Morair Lathuirne pòsda aig ceann-cinnidh Chloinn Dùghail, agus rug i dithis mhac dha, a bha mu’n aon aois ris an dithis bu shine de nigheanaibh Morair Lathuirne. Air do ’n dà mhac so fhaicinn nach robh oighre dligheach aig bràthair-am-màthair ach a nigheana, chuir iad rompa gum pòsadh iad an dithis bu shine dhiubh, agus an sin gu’n tuiteadh an oighreachd leo féin. Bha iad, uime sin, ’dol gu tric a dh’ amharc bràthar am-màthar, agus a’ gnàthachadh gach innleachd nan comas chum iad féin a dheanamh taitneach dha, agus measail na shùilibh. Is gann a bha Dùghal agus a chuideachd dà uair a dh’ ùìne air falbh leis a’ bhìrlinn, an trath a thainig an dithis Dhùghallach òga chum an oidhche a chuir seachad maille ri bràthair am màthar ann an Dùnstainnis, gun fhios sam bith aca mu na gnothuchaibh a bha ’dol air an aghaidh.—Bha Morair Lathuirne ’na dhuine tuigseach, geur, agus bha amhrus aige air an ni sin a bha am beachd nan òganach. Bha deagh fhios aige nach biodh e taitneach leo a chluinntinn ciod a bha ’na bheachd féin a dheanamh air an ath là, agus, uime sin, cha do leig e ni sam bith air. Bha e taitneach, caoimhneil, agus air gach seòl càirdeil riu, mar a b’ àbhaist; ach runaich e gun ’inntinn féin a leigeadh ris doibh, gus an togadh an gnìomh féin fianuis. Air an oidhche sin, gidheadh, bha gach deasachadh freagarrach ’ga dheanamh “Ann an lùchairt shonn nan Ailpeineach,” fa chomhair chùisean an ath latha, ged bha na Dùghallaich aineolach air na cùisibh sin. Bha ’n Dùn a’ fuaim le cridhealas agus aighear, agus is ceart a dh’ fheudar a ràdh,— “’N talla ’n fhéil bha pìob is dàn, Lasair do’n chéir, sithionn beinne, ’S deochan an céin o thir ro bhlàth; ’N àros an laoich, cha robh gainne!” Mar so chuireadh an oidhche seachad gu taitneach; agus air an ath là dh’fhàg Clann Dùghail an Dùn, an deigh beannachd chàirdeil a ghabhail le bràthair-am-màthar. Cha b’fhad, gidheadh, a chaidh iad, nuair a chunnaic iad am birlinn mòr a’ dlùthachadh ri tràigh, agus mar an ceudna sgothan eile, le’n croinn air an luchdachadh le sròl-bhrataichibh, a’ dearsadh le gathaibh na gréine. Chual’ iad nuallan na pioba-mòire, d’ an robh mactalla a’ co’-fhreagairt; agus air ball thuig iad ciod na cùisean a bha dol air an aghaidh. Lìonadh iad le corruich agus gamhlas, agus mhionnach iad d’a chèile, ’nan seasamh air sgor-creige, nach ceaduicheadh iad do Mhorair Lathuirne a rùintean a cho’ lionadh. Re ùine bhig, bha iad ann an iom-chomhairle ciod a dheanadh iad, ach cha b’ fhad gus an do thuit iad air innleachd fhuiltich chum dòchas Dhùghail ri oighreachd ’athar a ghearradh as? Leum iad air an ais dh’ ionnsuidh an Dùin—bhris iad a stigh do sheomar a’ Mhorair—shàth iad an claidhean na chorp—agus thuit an seann duine gun deò air an làr! Cha robh, an sin, ach éigheach agus amhghar, bròn agus bas-bhualadh, a mach agus a stigh! Mhionnaich gach aon fa seach de nigheanaibh an duin’-uasal a mharbhadh, nach pòsadh iad a chaoidh mortairean an athar! Am measg an odhail agus a’ bhuaireis a rinn an gnìomh déistinneach so mu’n Dùn, smuainich na nigheanan uasal nach biodh e tèaruinte dhoibh an oidhche a chur seachad ann. Ghlac iad, uime sin, còraichean na h-oighreachd; agus cha do gabh iad tàmh no fois gus an d’ rainig iad Ineraoradh, agus gus an do chuir iad iad féin fo sgéith Iarla Earraghàidheil. Ann am beagan ùine an déigh sin, phòs an t-Iarla an nighean bu shine, agus mar sin fhuair e còir air oighreachd Lathuirne. Phòs an dara nighean Caimbeulach Ghlinnurachaidh, o’n d’ thainig Iarla Bhradealbain a mach; agus phòs an treas nighean Caimbeulach na h-Oitirich. Fhuair Dùghal, mac a’ mhorair a mhortadh, seilbh anns an Aipin; agus mar sin shocraicheadh cùisean an teaghlaich mu thimchioll an do sgriobhadh an sgeul bheag so. Tha e gu cinnteach dligheach dhuinne buidheachas a thoirt Dàsan a ta ’riaghladh os ar ceann, do bhrigh gu’n do rùnaich e, ’na fhreasdal féin ar crannchur a thilgeadh ann an dùthaich agus ann an lìnn far am bheil sinn fhéin agus ar cuid téaruinte, agus far am bheil laghanna teann agus cothromach ’gar dionadh o gach dochann agus sgrios a dh’ fheudadh naimhdean a dheanamh oirnn, nam biodh na laghanna co fuasgailte ’sa bha iad anns na lìnntibh o shean. Gabhadh gach neach mata, comhairle an Abstoil, a deir, “Biodh gach anam ùmhal do na h-àrd-chumhachdaibh. Oir cha ’n ’eil cumhachd ann ach o Dhia; agus na cumhachdan a ta ann, is ann le Dia a dh’ òrduicheadh iad. Air an aobhar sin, ge b’e air bith a chuireas an aghaidh a’ chumhachd, tha e ’cur an aghaidh òrduigh Dhé; agus iadsan a chuireas ’na aghaidh, gheibh iad breitheanas dhoibh féin.”—(Ròm. xiii. 1, 2).—Cuairtear nan Gleann, 1843. Comhradh. LE F. O. S. CHAIDH Domhull air a’ cheum thun an taighe comhladh ri Seumas. Cha robh iad fada ’nan suidhe staigh an uair a chuir bean Sheumais, mar bu mhath a b’ aithne dhi, deadh bhiadh air am beulaobh. An uair na ghabh iad na thainig riutha dheth, agus iad gu càirdeil, còmhraiteach aig a’ bhòrd, shuidh iad taobh ri taobh air a’ bheingidh. Thug gach fear dhiubh lamh air a phiob ’s air a spliùcan, oir bha iad le chéile gu math trom air an tombaca, agus bha’n comhradh a leanas eatorra:— SEUMAS.—Cha’n ann a chionn thu bhith ann an sin ri m’ thaobh air a’ bheingidh—agus faodaidh tu mo chreidsinn—cha’n ’eil fear eile ’san dùthaich gu léir a’s fhearr leam fhaicinn na thu. Cuimhnich, cha’n ann a’ brosgal riut a tha mi idir. Tha fhios agad fhein nach robh dad dhe’n bhrosgal annam an uair a bha sinn ’nar dlùth-chompanaich. Agus cha mhò na sin a tha e annam an diugh. DOMHULL.—Ma ta, ’Sheumais, tha mise a’ cheart cho toilichte thusa ’fhaicinn ’s a tha thu fhein mise ’fhaicinn. Mar b’e drip an t-saoghail is fhad o’n a bha mise air tighinn a chur seachad [TD 291] [Vol. 9. No. 38. p. 3] oidhche no dhà comhladh riut. Ach feumaidh daoine an saoghal a ghabhail mar a thig e, biodh e bog no cruaidh. Is minic a bha mise glé neo-fhoiseil ’nam inntinn a chionn nach robh gnothaichean a’ dol leam cho math ’s bu mhiann leam. Ach dh’ fhalbh sin ’s thainig so. S.—Ach fhad ’s a bhios cuimhn’ agam air, cia mar a tha Callum mac Uisdean a’ cumail ris? Bha e greis mhath aoise mu’n d’ thainig mise do’n taobh so de’n dùthaich; ach bha e cho slan ’s cho fallainn ri duine a b’ aithne dhomh. Is e bha dian thun an t-saoghail an uair ud. D.—Tha e mar sin fhathast. Cha dubh grian ’s cha ghealaich uisge Callum bochd. Comhladh ri iomadh fear eile a rinn pòsadh air son airgid cha robh moran de thoileachadh an t-saoghail aig Callum bochd o chionn iomadach bliadhna. Is ann aige a tha’n dithis mhac cho beag feum ’s is aithne dhomhsa. Dh’ òladh iad an sgillinn nach fhac iad. Tha Callum ’na luidean truagh ag obair o mhoch gu dubh a h-uile latha deug ’s a’ bhliadhna. Tha am mac a bh’ aicese mu’n do phòs Callum i a staigh comhladh riutha. Cha’n ’eil e fhein ’s a leith-bhràithrean latha réidh. An latha bhios esan ag obair cha dean a dhithis bhràithrean aon char; agus an latha bhios iadsan ag obair cha dean esan car. Mar a tha an sean-fhacal ag radh “An uair a dh’ éireas Iain dubh laidhidh am ministear.” Nan robh i glic, bha i air fuireach ’na bantraich. Ach phòsadh i Callum ged a rachadh a muir ear thar-a’ mhuir iar. Ach mur do mheall mo bharail mise, bha iomadh lath’ aithreachais aice o’n latha ’phòs i. D.—Shaoilinn gu’m bu chòir do Challum a bhith ’na dheadh fhear-taighe, gle chaoimhneil ri ’mhnaoi ’s ri ’theaghlach. B’e mo bharail fhin air an uair a bha mi anns a’ choimhearsnachd aige gu ’m bu duine ciùin, modhail, caoimhneil a bh’ ann. S.—Tha e mar sin fhathast. Tha e feuchainn ri rian a chumail air an taigh cho math ’sa theid aig air; ach cha ’n ’eil sin soirbh dha. Rud a tha ’cur ioghnaidh air gu leòr, tha bhean a’ gabhail taobh a’ mhic a ’s sinne; agus mar a tha nadarra gu leòr do Challum, is iad a dhithis mhac fhein a’s docha leis. Ged a tha e ’faicinn gu soilleir gu’m bheil iad ’nam baothairean aotrom, amaideach nach dean car obrach ach an uair a thogras iad fhein, tha e gu tric a’ gabhail an leithsgeul. Tha so a’ togail na h-aimhreit anns an teaghlach, agus cha bhi teud réidh ’s a’ chlàrsaich ann am mionaid. D.—Cha ’n ’eil ioghnadh leamsa ged a bhiodh aimhreit is easonachd ann an taigh anns nach cluinnear guth air ainm Dhé latha ’s a’ bhliadhna mur toirear ’ainm ann an diomhanas. Fhad ’s a bha mise anns an nàbachd aig Callum—agus rugadh ann mi—cha’n fhacas Callum a’ dol a steach air dorus eaglais. Agus cha mhò a chualas gu’n d’ chuir e riamh ùrnuigh suas ri Dia gu diomhair no gu follaiseach. S.—Tha e mar sin fhathast, agus tha amhrus agam gu’m bi. Cha’n fhacas Iain—am mac a bh’ aig a mhnaoi mu’n do phòs e i—riamh ann an eaglais. Ach is minic a chunnaic mi Muruchadh is Eachunn, a dhithis mhac fhein, ann an eaglais. D.—Rachadh iad do’n eaglais an uair a gheibheadh iad deis’ ùr, tha mi cinnteach. Tha fear is fear dhe’n t seorsa cheudna air an taobh so dhe ’n dùthaich cuideachd. Tha mi glé chinnteach gu faighteadh companaich gu leòr dhaibh ann an iomadh àit’ eile dhe’n t-saoghal. “Cha ’n ann am Bòid uile ’tha ’n t olc.” S.—Faodaidh fear a bhith dona gu leòr ged a rachadh e do’n eaglais. Is iomadh fear dona a chithear innte gle riaghailteach; ach tha’n truaighe buileach air an fhear nach teid idir innte. D.—Ach ciod e bhios iad a’ deanamh Di-domhnaich? S.—Ma bhios an latha briagha blàth, bidh iad ’nan suidhe ’s nan sìneadh air chùl gaoithe ’s air aghaidh gréine, ar neo ag amharc cia mar a tha ’m barr agus an spreidh a’ tighinn air aghart. Anns a gheamhradh bidh iad ’nan cadal a staigh, ar neo air chéilidh nan taighean. S.—Feumar amharc an deigh na spréidhe ’s a’ bharra a h-uile latha; ar neo cha bhi cùisean ceart. Is e sùil a ghleidheas sealbh. Am fear nach seall an déigh a ghnothaich gu cùramach, cha ’n fhada gus am bi e lom, falamh. Ach tha àm ann air son a h-uile obair fo’n ghréin. Ged a tha so fìor, tha e cheart cho fìor nach ’eil e glic no cheart do dhaoine an cridhe a shuidheachadh gu buileach air gnothaichean na beatha so. Ach saoil thusa am bheil guth aig Callum air an ath shaoghal? D.—Cha toir e guth no iomradh air a leithid; ach ma chuireas duine ceisd air, their e nach ’eil dad a dh’ eagal air roimh ’n breitheanas. Agus is e an t-aobhar misnich a th’ aige, gu’n robh e riamh ’na dhuine modhail, iomchuidh, dìchiollach, fìrinneach, onarach, agus gu’n do phàigh e a h-uile sgillinn fhiach a bha riamh air. Tha e a’ smaointean gu’n toir so a steach do nèamh e. S.—Tha na nithean sin gle mhath annta fhein cho fhad ’s a théid iad, ach cha dean iad an gnothach ’nan ònar. Tha Callum bochd a’ toirt air fhein a chreidsinn, mar a tha iomadach fear a bharrachd air, gu’m bheil e saor o pheacadh deanadais, agus uime sin nach ruig e leas eagal a bhith air roimh ’n t-siorruidheachd; ach tha e dichuimhneachadh gu ’m bheil am peacadh dearmaid a’ cheart cho sgriosail ris a’ pheacadh deanadais. Africa mu Dheas. (K. W. G. ’sa Highland News). AIR latha na Bliadhn’ Uire chruinnich sluagh a bhaile so air an Ord, a dh’ amharc air na h-Albannaich a tilgeadh a chabair, a cur na cloiche-neirt, agus a dh’ éisdeachd na pìobaireachd. Chuir Ceannard a Chomuinn-Albannaich fios ’an deadh àm gu Seanalair Eachann Dòmhnullach pìobairean a chur a nuas. Thainig fios-freagairt càirdeil air ais gu ’n robh seàthnar ri tighinn, ach cha d’ ràinig ach aon diubh; tha eagal mòr gu ’n do thuit iad ’an làmhan nam “Boer,” a tha tighinn gu math dlùth dhuinn, no gu ’n do thachair dridfhortan air chor-eiginn orra. Gu fortanach, fhuaradh fear do mhuinntir a bhaile a chluicheas a phìob mar nach olc, agus leis an aon phìobaire, do réisimeid nan Gòrdanach, a thionndaidh suas, rinneadh an gnothuch gu glé mhath. Mar bhith sin rachadh an t-airgiod a thoirt air ais do gach duine, agus cha rachadh na cleasan air adhart. Bhiodh so duilich, oir tha ’n Comunn Albannach a deanamh obair mhath ann an toirt comhnadh do ar luchd-dùthcha an uair a tha feum aca air. Thachair dhomh ’bhi ’m shuidhe làimh ri Bean a Cheannaird. Air do Albannach mòr àrd, le boinneid-bhiorach air, tighinn a stigh thuirt mi rithe—“Cò ’n ciòbair Gàidhealach a th’ againn’ an so? Theireadh duine gu ’m bheil e ’n déigh tearnadh á monadh an fhraoich.” “Tut!” ars’ ise a deanamh gàire, “Cha ’n ’eil an sin ach Seoc R—á Glasacho, a tha mu obair nan slighean-iaruinn! ’S ioma bliadhna o’n a thainig e mach a’ so.” Air so thainig an Ceannard a nall le ’aodann làn àbhachdais. “Tha gill’ òg thall an sin,” ars’ esan, “anns an deise Ghaidhealach, agus thainig e stigh a caitheamh an fhéile cùl-air-bheulaobh! Cha chreideadh e mise gu ’n robh e ceàrr, ach tha Dòmhnull air a thoirt leis, creididh e esan.” “C’ar son nach ’eil sibh féin anns an fhéilidh a nochd?” thuirt cuid againn ris. A chionn ’s e duine briagh a th’ anns a Cheannard anns an deise Ghàidhealach, agus a thuilleadh air sin cha ’n ’eil piòbaire na’s feàrr ann an Africa mu Dheas. “Mata,” ars’ e, “Cha robh mi gu ro mhath ’s a mhadainn, agus cha b’ urrainn domh dol mu ’n cuairt ’am bhodach crom crotach agus feile-beag orm; feumaidh duin’ e fhéin a chumail deas dìreach anns an deise Ghaidhealach air neo ’s neoni e.” Faodar a thuigsinn gu ’n do chum sinn ar sùil air gille beag an fhéilidh an déigh sin, gu sonruichte an uair a leum e gu meadhon an ùrlair le casan cho tana, fada ri casan féidh. Chaidh an dithis an dail air dannsaidh, le ioma “Huh!” agus heic. Nach cum thu do shàiltean bhàrr an ùrlair!” ars’ an Ceannard. “’S ann a tha na fir so ’sgriachail mar na cait!” ars’ e ’rithis. Bha ’n Ceannard air a chréineadh nach d’ rinn iad na b’ fheàrr. Rinn an Piòbaire dol roimh a chuid féin gu math ciamar ’sam bith mar a fhuaras càch. Bha e còmhladh ri “Findlater” aig blàr Dargai; bha e aig Magersfontein—ainm a bheir crith air feòil gach fiòr Ghàidheal fad ioma là is bliadhna;—Bha e aig Paardebearg, ’s an ioma blàr eile. Aig aon àm bha ’n cath anns an robh e, air taobh sléibhe, cho dian gu ’n do chroch e féin agus piòbaire eile na piòban aca air preas, agus sheàp iad às a chunnart, a fàgail nam piòban mar thargaid aig an namhaid, a leig ioma dairearach orra, a chionn gu ’n robh iad furasd fhaicinn. Cho luath ’s a fhuair an Seanalair a mach mar a rinn iad, chuir e air ais iad a thoirt an deadh throid dhoibh a chionn an innealan-ciùil fhagail as an deigh. Thill iad, agus thug iad a nuas na piòban, a bha air an tolladh le peileirean. Cha bu lugha na ceithir duaisean a thug e mach aig na spuirt air Latha na Bliadhn’ Uire. ’S e “Duguid” is ainm dha: tha e ’mhuinntir “Insch,” an siorr’achd Abaraidhean. Mar bhith gu ’m bheil an ùine cho fad’ air ruith dh’ innsinn duit mar a chuir sinn seachad Oidhche Shamhna. Cha chual a’ mhuinntir òg a fhuair cuireadh iomradh riamh roimh air a leithid. Bha na h-uile cleas ùr dhoibh, agus thuirt iad nach d’ fhuair iad riamh uidhir toileachadh. “Cha do thuig mi gus a nis,” arsa caileag mu ochd bliadhna dh’ aois, “ciod a bu chiall do Chruinneachadh Albannach!” “C’uin a thig Oidhche Shamhna m’ an cuairt a rithis?” dh’ fharaid té eile a tha mu dhusan bliadhna, “b ’fhearr leam gu ’m biodh e ’n ceann seachdain eile!” Cha ’n ’eil mi ’toirt guth air a chogadh, oir tha gach sgeul a dol dachaidh mu ’m faigh sinne e. Tha mo chridhe trom, trom thairis air uile. Tha mi cho dìleas agus a bha mi riamh air chùl mo dhùthcha, agus “a chionn gu ’m bheil,” tha mi air mo chràdh air son nam muinntir a tha seasamh suas ’n ar n-aghaidh air son an dùthaich ’s an dachaidh. Tha sinn a lom-sgrios nan stàidean àillidh gu ’n cùl. Tha eagal mòr orm gur ann an uair a bhios e tuilleadh ’s anmoch a ghabhas ar rioghachd-ne an t-aithreachas. Chaill sinn Staidean America le ’bhi reasgach, agus tha sinn a dol air aimhreadh anns a cheart doigh a thaobh Africa mu Dheas. Tha e ’n a fhaochadh mòr leam fhaicinn anns na pàipeirean gu ’m bheil muinntir aig an tigh a tòiseachadh ri gràin a ghabhail do ’n dol air adhart a th’ann. Gu’n deònaicheadh am Freasdal nach éil e tuille ’s anmoch stad a chur air a mhilleadh gun chiall a th’anns an dùthaich so. [TD 292] [Vol. 9. No. 38. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, AM MART 22, 1901. Tha Diùc agus ban-Diùc Chornwall, an deigh an turus timchioll an t-saoghail a thòiseachadh. Dh’ fhàg iad Breatunn Di-satharna s’a chaidh. Tha iad air tùs a’ dol direach do Australia, far am bheil aig an Diùc ris a’ phàrlamaid ùr fhosgladh, agus thig iad do Chanada toiseach an fhoghair. Theid iad an iar cho fada ri Victoria, an Columbia Bhreatunnaich, agus an ear, tha sinn an dòchas, cho fada ri Sidni. An deigh a chuairt so a chur air Canada, theid a’ chàraid rioghail do Newfoundland, agus á sin theid iad dhachaidh do Shasuinn. A thaobh an iarrtais a chuir sinn anns an àireamh mu dheireadh—ar càirdean a thoirt fios dhuinn an robh MAC-TALLA, na’m barail-san, a’ dol na b’ fhearr no na bu mhiosa—fhuair sinn àireamh fhreagairtean air an t-seachdain so, ach cha chuirear aon dhiubh an clò gus am faigh na h-uile cothrom air am barail a chur an céill; tha so air a dheanamh air eagal gu ’m faod barail na feadhnach a sgriobh an toiseach atharrachadh ann an dòigh sam bith a thoirt air barail na feadhnach a thig ’nan deigh. B’ fhior thoigh leinn àireamh mhor fhreagairtean fhaotainn. Cha’n ’eil sinn a sireadh molaidh no di-molaidh, ach tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach neach a bharail a thoirt dhuinn gu saor, soilleir. Cha chuir ar moladh gu meud-mhoir sinn ’s cha chuir ar di-moladh gu feirg sinn. Ach guidheamaid orra-san aig am bheil barail ri thoirt dhuinn iad a ghreasad orra, oir tha toil againn a’ chùis a chur a thaobh ann an ùine cho goirid ’sa ghabhas deanamh. Tha aimhreitean mora dol air adhart ann am bailtean mora Ruisia, agus tha e air aithris gu bheilear an deigh fios fhaotainnair ionnsuidh no dha a bhatar a’ dol a thoirt air beatha an t-Sàir. Anns na h-aimhreitean a bh’ ann am baile St. Petersburg, bha àireamh de’n t-sluagh air am marbhadh, agus moran air an leònadh. Is dùthaich Ruisia air am bheil tìmeannan cruaidhe, trioblaideach a feitheamh. Tha sluagh mor innte, agus iad air am fior dhroch riaghladh. ’Nuair a dh’ éireas an sluagh sin air son an còirichean fein fhaotainn, rud a ni iad, cha ’n eil ni is cinntiche na gu ’m bi moran fala air a dòrtadh. Tha an Sar ’na dhuine ceart, leis ’m bu mhiann an Impireachd a riaghladh air dhòigh na ’s fhearr na thatar a’ deanamh, ach tha e air a chuartachadh le oifigich ’s le luchd dreuchd nach urrainn dha a chur á ùghdarras, agus fhad ’sa bhios iad ann, tha ’nan comas esan a chumail o a rùintean matha féin a chur an gniomh. Cha d’thainig sgeul air sith ann an Africa mu Dheas fhathast. Dhiùlt an Seanalair Botha gabhail ris na cumhachan a bha air an tairgse le Kitchener os leth Bhreatuinn, agus mar sin tha an cogadh ri dhol air adhart gus am bi na Boerich uile air an toirt fo chìs. Is gòrach an ni dhaibh a bhi seasamh a mach, oir cha bhi na cumhachan a theid a chur ’nan tairgse an uair sin idir cho fabharrach ris na chaidh a thairgse dhaibh air an turus so. Bas na Ban-righ. Chaidh fios-dealain feadh nan tirean A’ toirt naigheachd bhròin gu miltean; Sgeula bàis a Morachd Rioghail,— ’S bochd gar firinn is nach sgleò e. Fad is farsuinn chaidh an sgeula; Chualas thall an tirean céin e; Chuala Breatunnaich gu leir e; ’S fagaidh sud an éideadh bròin iad. Sròil tha bhàin gu leith nan crannaibh; Cluig le fuaim a’ bualadh ainneamh; Mar sin ’s nuallan cruaidh nan canan; Uile labhairt ruinn, “Cha bheò i.” A bhean-uasail, bha thu cliùiteach, Riamh o’n cheud la ’chaidh do chrùnadh; ’S tha ’n diugh t-impireachd fo thùrsa, Bho ’n a dhùineadh thu ’s na bòrdaibh. ’S fada chum thu crùn do shinnsre, ’S ghleidh thu glan gun smal gu crich e; Sud an teiste bh’ ort ri innse, O’n la fhuair thu d’ nigh’naig còir air. Ge b’ e co chuir ceart no cam e, Luidh e comhnard air do cheannsa; Cluinnidh linntean nach eil ann e; Oir bha thus’ ad’ Bhan-righ òirdheirc. Chuir thu ùigh an tir nan àrd-bheann, ’S cha bhiodh feum agad air geard ann; Bha thu earbsach as na Gàidheil, ’S iad dhuit blàth-chridheach an còmhnaidh. Anns gach dòigh bha moran loinn ort, Fhuair thu ciall gu riaghladh rioghachd; Broilleach blàth na màthar chaoimhneil; ’S cridhe daimheil na mna-pòsda. Bha do shonas lan gu’n traoghadh, Nuair bha ’m prionnsa leat gun chaochla; ’S ged a thug am bàs o d’ thaobh e, Mhair do ghaol dha: dh’ fhan thu t’ònar. Bha iad romhad a chur fàilt ort, Clann is companach is màthair; Tacan goirid sgar am bàs sibh; ’S tha na càirdean tuille còmhla. Fhuair thu nise trusgan àghmhor, Agus crùn a chaoidh nach fàilnich; Air an ceannach dhuit le d’ Shlan’ear, Anns na chuir thu tràth do dhòchas. ’S maith leinn gu’n a dh’ fhàg thu oighre, ’S gur a mac leat fhein is righ oirnn; Saoghal fada dha mar chuibhrionn, Sith is aoibhneas fhad ’s is beò e. C. C. Strathalba, E. P. I., March 14, 1901. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life Association. Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871. ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. Teachd-a-stigh os Ceann Millean ’sa Bhliadhna. Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 293] [Vol. 9. No. 38. p. 5] NAIGHEACHDAN. Ann an Chaplin, Cuebec, Di-haoine s’a chaidh, chaidh tigh le fear Gauthier na theine; agus bha a bhean agus ceathrar chloinne air an losgadh gu bàs. Leum Gauthier [fhéin a mach air an uinneig agus bha a chas air a bristeadh. Bha uair a bhiodhte a’ crochadh dhaoine fo lagh Bhreatuinn air son meairle. Ann an cearnan de na Stàidean thatar a deanamh sin gus an latha ’n diugh, ged nach ann fo’n lagh. Tha daoine gle thric air an cur gu bàs air son goid each anns na Staidean an iar. Tha na daoine tha dol am mach do Africa mu Dheas gu gabhail ann am feachd mhaor Bhaden-Powell a cruinneachadh ann am baile Halifacs. Tha mu dheich ceud ann dhiubh air fad, agus buinidh da cheud de’n àireamh sin do na Roinnean Iochdrach. Bidh iadsan a tha ’gabhail ’san fheachd so ann an Africa àireamh bhliadhnaichean, gus am bi an dùthaich cho sitheil ’s cho sàmhach ’s nach bi an còrr feum’ orra. Bha cuideachd an iaruinn air an t-seachdain s’a chaidh a creic fiach thri muillean dolair de shares anns a chuideachd. Bha an t-airgiod a dhith orra air son tuilleadh obraichean a tha iad a’ dol a chur air adhart. Mu’n robh na leabhraichean air an dùnadh, bha tairgsean a stigh air son a thri uiread ’sa bhatar a’ creic, ni a tha a’ nochdadh gu bheil barail gle fhallain aig daoin’ airgeadach air cuideachd an iaruinn. Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaireadh fear Eideard O’Connor na shineadh leòinte air an rathad-mhor faisg air baile Ghuysboro. Bha slige chinn aige air a bhristeadh gu dona, agus chaochail e an latha sin féin. Tha e ro-choltach gu’n robh e air a leònadh ann an sabaid daoraich an oidhche roimhe sin, agus bha dithis dhiubhsan a bha air am faicinn comhla ris aig an àm sin air an cur an greim. Tha sgeul air tighinn á Sina gu bheil Li Hung Chang gu tinn, agus fior choltas a bhàis air. Tha e ’na sheann duine, agus thatar ag innse gu bheil e o chionn ghoirid air fàs anabarrach breòite. Ged nach eil gradh no spéis mhor sam bith aig na h-Eòrpaich dha, bhiodh iad gle dhuilich na’n sàbhladh e aig an àm so, oir is e an aon duine aig am bheil comhairle sam bith na cheann ris an éisd an teaghlach rioghail, agus na’m biodh e air a thoirt air falbh, cha’n eil fhios nach rachadh cùisean air adhart moran na bu mhiosa na tha iad a’ dol fo a stiùireadh-san. Thachair bàs muladach ann an Scott’s Bay, an siorrachd King’s, N. S., o chionn seachdain no dha air ais,—boirionnach a bha tinn fad deich no dusan latha, ach a dhiùlt gnothuch a ghabhail ri dotair, no cungaidh-leighis sam bith a chleachdadh. Bha i [?]in ’sa fear-pòsda nan luchd-leanmhuinn aig fear Dowie ann an Chicago, a tha teagasg nach eil feum ann an lighichean no an cùngaidhean, ach gu’n gabh gach tinneas agus eugail leigheas le ùrnuigh. Nuair a dh’ fhàs a’ bhean ro-thinn chuireadh fios no dha gu Dowie so e dheanamh ùrnuigh air a son, ach ma rinn e an ùrnuigh, cha d’ fhuair i éisdeachd, agus chaochail a bhean an ceann latha no dha. Thatar a rithist a bruidhinn air rathad iaruinn a thogail air taobh-deas an eilean, eadar Caolas Chanso agus Louisbourg. Tha riaghladh Nobha Scotia a’ gealltuinn cuideachaidh, agus thatar a’ dol a’ dh’ iarraidh cuideachaidh air an àrd-riaghladh. Thatar mar an ceudna bruidhinn air rathad-iarruinn a thogail eadar Orangedale agus àit-eigin an ceann a tuath siorrachd Inbhirnis, far am buail e stigh anns an rathad ùr a tha ruith an cois a chladaich. Tha Ruisia an deigh aontachadh a greim air Manchuria fhuasgladh, agus an aon chothrom a bhi aig rioghachdan eile anns a’ chearna sin de Shina ’sa bhios aice fhéin. Bidh cùisean mar sin gus am faigh i cothrom air a greim a theannachadh a rithist. Tha ciocras mor fearainn air Ruisia daonnan, agus a thaobh seilbh a ghabhail air dùthaich no mor-roinn a tha i ’sanntachadh, cha’n eil bòid no gealladh a bheir i seachad a dol ’ga cumail air ais aon uair ’s gu’m faigh i deagh dhòigh air am bristeadh. Is e ’n cuideachadh a tha ri bhi air a thoirt do rathad-iaruinn a chladaich a deas le riaghladh Nobha Scotia deich mile dolair air son gach mile dhe ’n rathad a theid a thogail. Tha so ri bhi air a phàigheadh air ais do ’n riaghladh ’nuair a bhios cuideachd an rathaid comasach air sin a dheanamh, agus gus am bi, bidh mortgage aig an riaghladh air an rathad. Is dòigh ùr so a tha an riaghladh a’ gabhail agus is dòigh i is fhearr na’n t-seann dòigh, a’ toirt seachad airgeid do ròidean-iaruinn gun a bhi cumail greim sam bith orra. Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, chaochail an Seanalair Harrison, a bha fad cheithir bliadhna—l889 gu 1893—na ard-Uachdaran air na Staidean. .Bha e tinn o chionn treis a dh’ ùine, agus bha fhios gu robh a bhàs faisg air làimh. Bha e ’na dhuine ’bha anabarrach measail, agus a choilion an dreuchd àrd a bhuilich muinntir a dhùthcha air gu h-onarach agus gu comasach. Bha a dhachaidh ann an Indianapolis, far ’n do chaochail e, agus bha e air a thiodhlacadh an sin là na Sàbaid s’a chaidh. Bha mu choig mile deug sluaigh cruinn aig an tòrradh, agus am measg na feadhnach a bha còmhla ri dlùth-chàirdean féin aig ceann na h-uaghach, bha an t-ard-Uachdaran Mac-Fhionnlaidh. Bha sabaid fhuilteach eadar coignear dhaoine faisg air Shubenacadie Di-dònaich an l0mh la—triùir bhràithrean dhe’n ainm Lantz air aon taobh, agus dithis d’an ainm Emack agus Ettinger air an taobh eile. Bha aimhreit eadar an dha phàirtidh o chionn fada, agus air an lath’ ud rinn Emack agus Ettinger feall-fhalach air na bràithrean Lantz ’s iad sin a dol dhachaidh as an eaglais. Thòisich iad leis na buillean, ach an deigh sin bha dagaichean air an toirt ris, agus mu’ n do sguir an t sabaid, bha triùir air an tilgeadh, Emack, Ettinger agus am fear a b’ òige de na Lantzich. Tha Emack air a leònadh cho dona ’s gu’n do chaochail e an ceann latha no dha. Ged a bha ’n dithis eile air an droch leònadh cha’n eil iad an cunnart sam bith. Thug an dithis Lantzach nach robh air an leònadh iad fein suas, ach thug an jury a mach mar bhreth nach robh iad ri ’n coireachadh, nach robh iad ach ga ’n dion féin. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228 Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de BHIADH BHEOTHAICHEAN, tha na tha againn ’nan deagh chunnradh. Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1.30 am poca. Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd. Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann. Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4.00 againn fhathast. Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. F. & J. MORLEY. [TD 294] [Vol. 9. No. 38. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXXI. A nise dhealaich na h-uaislean gu léir ri Tearlach an so ach Fear Ghlinn Aladail na aonar; mheasadh gu ’m b’ fheumail dhasan fantainn mar eadar-theangair, eadar am Prionns’ agus na ceathairneich: oir cha robh aig a mhorachd rìoghail ach droch Ghàelig, agus cha robh aig na gaisgeich ach bristidhean Beurla. Cha d’ fhan iad ann an Coirre-Ghoth an deigh do ’n Phrionnsa thighinn còmhladh riu ach trì òidhche. Air an treas latha do chiad mhìos an fhoghair, chaidh iad gu uamh a’ Choire-Riabhaich a bha ma astar dhà mhìle bho Choirre-Ghoth. Air feasgar an t-seachdamh latha de ’n mhìos, ghabh iad thar a mhonaidh gu Srath-Ghlais; fhuair iad ann am braigh’ an t-Sratha bothan-àiridh falamh, bheothaich iad teine agus rinn iad leabaidh luachrach do Thearlach anns ’na chaidil e gu trom gu ochd uairean sa’ mhadainn. ’Nuair a dh’ eirich iad gu léir ’sa ghabh iad am biadh maidne, chaidh fear de na gaisgeich a chur air theachdaireachd gu Poll-Iù a dh’feuchainn an robh an dà long Fhrangach fathast ga fheitheamh; thuirt iad ris an teachdaire so mu ’n dh’fhalbh e gu ’n faigheadh e iad air chinn da pilltinn air ais, air mulach Beinn-Eacharain. Moch air madainn (an naoidheamh latha de ’n mhìos) thog Tearlach agus a phàirtidh orra gu tuath, agus thainig iad an òidhche sin gu bothan àiridh eile, far na leig iad an anail car ùine bhig. Mu dhà uair sa’ mhadainn (an deicheamh latha) thriall iad n’a b’ fhaid’ air an aghaidh, agus bha iad ma fheasgar ann an Gleann-Canaich far na dh’ fhan iad gus na dhorchnaich an òidhche. An sin chaidh iad gu taigh tuathanaich far an d’ fhuair a phàirtidh gu léir deagh aoidheachd. Mu dha uair sa’ mhadainn dh’ éirich iad agus dhìrich iad a’ monadh gus an d’ ràinig iad mar gheall iad do ’n teachdaire, mulach Beinn-Eacharain air taobh tuath Ghlinne-Canaich, ma thuaream da fhichead mìle bho Pholl-Iù. Dh’fhan iad ann an taigh frithe Beinn-Eacharain, ged nach robh ann ach bothan beag, suarach, fad dhà latha, gus an tigeadh an teachdaire chaidh gu tuath air ais. Mu shia uairean sa’n fheasgar (air an treas latha deug) thainig e le fios gu ’n tainig dà long Fhrangach a steach do Loch-Iù a los am Prionns’ a thoirt tharais, ach a thaobh nach do dh’ amais iad air gu’n robh iad a nis air falbh, gu ’n chuir iad ceathrar de ’n sgiob’ air tìr, agus gu ’n deach triùir a dh’amharc a mach air a son do Dhùthaich Loch-Iall, agus nach tainig iad riamh air an ais, agus gu ’n sheol an luingeas as an aonais. Chunnaic iad a nise nach robh buannachd sa’m bith dhaibh a dhol na b’fhaide gu tuath; agus phill iad air an ais air uisge-Chanaich air an fheasgar sin féin, (an treas latha deug,) agus ma dhà uair sa mhadainn bha iad ann am Fàs-na-Coill ann an Srath-Ghlais: fhuair iad gabhail riu ann an so gu fiùghantach, fiall, ann an taigh Iain Shiseil, tuathanach cothromach, a bha mach le Sisealaich eile na dùthcha sin ann an cogadh Thearlaich féin latha Chuil-Fhodair. Air madainn an t-seachdamh latha diag thog iad orra; ghabh iad an t-ath ghoirid, agus bha iad aig Bruthaichean Ghlinne-Moireaston mu dheich uairean ro mheadhon-latha. Chuir iad a’ chuid a bha rompa de ’n latha sin seachad air mulach a’ bhealaich, agus mu òidhche chaidh iad mìle air an aghaidh; agus ghabh iad fasgath ann am bothan àiridh gus an tigeadh an latha. Cha robh nise dad aca a dh’ itheadh iad, agus chaidh Pàdruig Grannd agus Alasdair Siseal a chur sìos gu srath na dùthcha a dh’ fheuch am faigheadh iad biadh r’a cheannach. ’Nuair a theirinn iad le leathad co thachradh riu ach Granndach Ghlinne Moireaston. Labhair an duin’-uasal sin riu mar so:—“C’àit’ ’fhearamh am beil sibh a chòmhnaidh anns na h-amannan truaighe so, ’nuair a’s ainmig a tha duin’ agaibh r’a fhaicinn, no cia mar idir tha sibh beò?” Fhreagair Pàdruig Grannd an duin’-uasal mar so:—“O’n tha sinn a’ faicinn an nàmhaid a creach na dùthcha, chuir sinn romhainn gu ’m biodh ar cuid againn do’n chrich; agus nach saoil sibh féin gu’m bu mhòr am beud mar bidheadh.” Air madainn am lathairne-mhàireach (be sin an naoidheamh latha deug de ’n mhìos,) thàinig iad far an robh am Prionns’ agus a’ chuid eile de’n phàirtidh, le biadh gu leòir a’s pailteas. ’Nuair a ghabh iad gu léir na chaisg an acras, thriall iad air an turas, agus do bhrìgh gu ’n robh an latha araon ceòthach agus fluich, fhuair iad tro Ghleann-Moireaston agus tro Ghleann-Laoidh gun sùil choimheach da’ m faicinn ged a bha nàimhdean a nise da’m feitheamh air gach fàireadh, agus bha iad mu òidhche aig Bhrudhaichean Ghlinne-Garaidh. ’Nuair a rainig iad Uisge-Gharaidh mhothaich iad gu ’n robh an àth air éiridh le sileadh na dile, agus ged a bha ’n linne ruigsinn nan achlasan aig na gaisgeich, ’nuair ’chaidh na treun-laoich ’an guailean a’ chéile, thug iad am Prionns agus Fear Ghlinn Aladail sàbhailt “gu bruaich!” Air dhaibh a thighinn as an uisge dhirich iad an uchdach agus dh’ fhan iad air an àrd réidh na h-òidhche; ged a bha’n t-sian air drùghadh orra gu ruig’ an craiceann. Air an ath mhadainn bha ’n ceò agus an t-uisge gun chaochladh, ged a bha sin mi-ghoireasach air dòigh bha e glé shealbhach air sheòl eile, a thaobh nach bu léir do na nàimhdean am fai- AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 295] [Vol. 9. No. 38. p. 7] cinn ged a bha iad mu’n àm glè dhlù dhaibh. Thoisich iad gu calma agus bha iad m’u dheich uairean sa’n fheasgar aig Ach-nan-sabhal, air an fhicheadamh latha de’n mhìos. ’Nuair a leag iad an aineil ann an so car tacain ghluais iad gu badan coille a bha ma thuaiream da mhìle bho Acha-nan-sabhal, agus dh’ fhan iad ann an sin rè na h òidhche fo shiann ’s fo dhoireann. Air an ath madainn thàinig Dòmhnullach Locha-Garaidh agus Cam Shronach nan Cluainean ’nan ceann. Ghluais a phàirtidh gu léir as a’ so agus ràinig iad bothan falaich a bh’ aig an dithis dhaoin-uaisl’ a chaidh aithris, Fear Locha-Garaidh, agus Fear nan Cluainnean ann an badan coille aig ceann-shios Loch-arcaig. Dhealaich na ceathairneich ri Tearlach ann an so, agus phill iad dhachaigh gu’n gleann féin. Thug Tearlach dhaibh mar thuarasdal air son an caoimhneis, trì ginnidhean òir an fhir. Bha Tearlach a nis’ air son dol a chomhnuidh maille ri Cluainidh agus ri Loch-Iall, a chual e a bhi fantainn ann an ionad fhalaich sheasgair ann am beanntaichean Bhàideanach. Air an aobhar sin chuir e duine do’m b’ainn Iain Mac-Coilbhinn, fear do choitearan Loch-Iall féin, le litir do Bhàideanach a dh’-feuch am biodh na h-uaislean air son da dol a chòmhnaidh maille riu. Air an lathairne-mhaireach an deigh sin ghluais am Prionns’ agus a phàirti do Thorra-mhuilt fagus do dh-Acha-na-Garaidh. Dh’ fhàg Fear Ghlinn-Aladail am Prionns’ ann an so, agus chaidh e sìos thun a chladaich far an robh sùil gach latha thighinn a nall; agus bha e gu fios a leigeadh gu Tearlach a cheart cho luath sa thigeadh iad. Mu dheireadh a mhìosa bha Tearlach air a chuir thuige gu mòr luasgan ann an Acha-na-Gairidh, le ’chluinntinn gu ’n robh dà chiad fear, de Chaim-Beulaich Earra-Ghàel, agus do Ghranndaich Shrath-Spé, fo chomanda Chaiptin Ghrannd a Chnocain-duibh a’ tighinn fo làn armachd gu criochan Loch-Iall, thaobh gu ’n robh Tearlach ga fhalach air sgàth an àite sin. Mar bha ’n sealbh an dàn do Thearlach theòraich na diùlaich a bha còmhladh ris e mach tro na choille air chor is gu ’n do sheachainn e sùilean an nàmhaid, agus theich iad gu mulach Maoil-an-t-Sagairt beinn ard, chreagach, chas, ro dhuilich ri dìreadh. Rinn iad stad air aonach na beinne so ré na h-òidhche, gun bhiodh, gun dràm, gun tombaca! Air an ath latha theirinn am prionnsa mar bu dù dha bhith gu fuar, acrach, Maol-an-t-sagairt, agus chaidh e thar Loch-arcaig; agus rinn e-féin agus a luchd-leanmhainn taigh falaich de bharrach nan crann ann an Giùbhsach Mhic Dhòil’-Duibh. Cha b’ fhada bha e chòmhnaidh ann an sin ’nuair a thainig gille ’s litir dha ionnsaidh bho Chluainidh, a dh’ innse dha gu ’n robh dùil aig Cluainidh féin tighinn air a thoir gu ruige a Ghiùbhsach chum a threòrachadh do Bhàideanach far an robh e-féin a’s Loch-Iall a chòmhnuidh. Cho luath sa leugh am Prionns’ an litir “cha d’ rinn e lugha fir òrain,” ach thog e air air ball agus thriall e do Bhàideanach, an dòchas tachairt ri Cluainidh air an rathad a tighinn. Bho ’nuair a dh’ fhàg Tearlach Acha-na-Garaidh cha deach e fo thaigh gus an d’ rainig e taigh Mhic Dhòmhnull na Tulaiche-cruime ri taobh Loch-Lagain, far do ghabh e biadh a’s deoch a’s clò beag cadail. ’Nuair a dh’ éirich e sa’ mhadainn, chunnaic fear na Tulaiche-cruime gu’n robh éideadh air dol gu tur gu chùl, agus thug e dha cota-gearr de chlò donn, leine agus daothain bhròg? Rainig e Bàideanach air an naoidheamh latha fichead de ’n mhìos, agus chuir e chiad òidhche seachad ann an Coirr’-an-Iubhair fo iochdar Beinn-Altair. Tha’n t-àite sin do Bhàideanach “cho gann do choille is mach falaicheadh fiadh a chabar ann:” ach a dhaindeoin sin cha robh ionad falaich air tìr-mòr cho math ris; tha e làn chàrn, gharbhlach a’s chòs. (Ri leantuinn.) Tha an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—Os ceann Stor C. P. Moore. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 296] [Vol. 9. No. 38. p. 8] Oran Do Dhòmhnall Cràbhart a Tireadh, a chaidh do na h-Innsean agus a rinn moran beartais ’san àite sin. LE GILLEASBUIG MAC-PHAIL. Fonn:—Air tuiteam am chadal. Gu’n d’ fhuair mise sgeul ’Thug toilinntinn dhomh ’s éibhneas, ’S a neartaich mo spéiread Na ’s treine na bha mi; Sgeul ’thug gu bhith òg mi; An aois chaidh air fògradh, ’S cha dig i ga m’ chòir, Sin mo dhòchas gu làidir; An aois greannach shuarach, Bho ’n dh’ fhògair mi bhuam i, Gu ’m bi mi gle uallach ’Deanamh suas mar a b’ àbhaist; ’S e ’n sgeul a dh’ fhàg ait mi Gu bheil an t-òg gasda Thar saile ’tigh’nn dachaidh A dh’ fhaicinn a chàirdean. A Dhomhnaill gur toil leinn thu, Slainte gun ghainne dhuit, Sòlas nach teirig dhuit, ’S eireachdas làitheil. Gnuis thaitneach a chiataibh, Cridh’ flathail na fialachd; Iochd ’s beannachadh Dhia ort, ’S deagh riaghailt a’ fàs riut. ’S beag ionghn’ thu ’bhith fiachail, Cha choill’ ’san robh crìonach Bho ’n d’ rinn thusa cìnntinn, De ’n fhior fhuil a’s aird’ thu. ’S fuil rioghail gun truailleadh ’Tha ’direadh mu d’ ghuailibh Na ’sruthain mhear’ uasal, ’S cur uabhair ad nàdur. A Dhomhnaill na ’n digeadh tu Thogadh mo chridhe, ’S cha tuiteadh e rithist ’S an tilleadh am bàs e. Gu ’m bithinn cho eutrom Ri eun air a sgéith No ri bradan a leum A dh’ aon bheum as an t-sàile; Le àgh a bhith ’faicinn ’N oig shiobhalta, thlachdmhoir, Dheas, fhirinnich, thaitnich, A’s fasanta gnàth’chadh. Gu ’n còmhnadh Mac De leat ’S gach àit anns an déid thu, ’S tu ’gluasad gu spéiseil ’Sna ceumaibh a dh’ àithneadh; Gu’m biodh e ga do stiùireadh A dh’ionnsuidh do dhùthcha, An tir ’sam bu dù dhuit Bho thùs a bhith stàtail; Lan airgid is stòrais ’S gle phailt de gach seòrsa, Gu’m faiceam an-t-òigear A’s boidhche ’measg Ghàidheal; Cridh’ glan mar an daoimean, Is t’ aigneadh làn soillse Mar ghréin shoilleir, chaoimhneil, A’ boillsgeadh air fàire; Gur h-iomadh òigh cheutach ’Tha ’suil riut mar chéile, ’S i ’n te ’gheibh dhi fhein thu ’Bhios eibhinneach, àghmhor. Nan digeadh tu dhachaidh, ’S gu’n ceannaicheadh tu fearann, ’S gu’m fanadh tu mar-ruinn, Bhiodh aighear ’san àite. Do chàirdean gu leir Tha fo chùram mu d’ dhéibhinn, Is eilean Shémeuca Làn eucailean bàsmhor. Gur cliu an t-og meanmnach Do’n chearn so de dh’ Albainn; ’S nan deanainn an leanmhuinn, Gu’m b’ ainmeil do chairdean. Na Cràbhartaich mheanmnach A’s tric chaidh a dhearbhadh, ’S na Leathanaich ainmeil ’Bhiodh garg anns na blàraibh. Gur daicheil am pears’ thu, ’S tu àlainn ri t’ fhaicinn, ’S do nàdur ’toirt barrachd Air ’n t-sealladh ’th’ aig càch ort. Craobh eireachdail, ùr thu An gàradh nan ùbhlan, ’S na measan a’s cùbhraidhe ’Lùbadh a h-àrd-mheoir. Ar ceol, ’s ar n-ol fion thu, ’S ar tobraichean fior uisg’ A chaisgeadh ar n-iotadh ’N deidh sgios agus fàilinn. Do ’n chuid a bhiodh tinn dhinn Gu’m biodh tu ’nad iocshlaint; Nan digeadh tu ’n tir Cha ’n fheil cridh’ nach biodh àghmhor. Oran Gaoil. Is ann feasgar Di-haoine ’Dh’ fhalbh mo ghaol thar a mhàm, ’Nuair a ghabh mi mo chead diot, Bha m’ aigneadh fo phràmh, Ort a bhruadair mi ’m chadal Air lota ’s taigh bhàr; ’S nuair a dhùisg mi ’sa mhaduinn Bha thu fad’ bhuam, a ghràidh. Ach ged chaidh tu orm thairis, Gur mor mo bharail ’s mo dhuil Gu’n till thu rium fhathast Le aighear ’s le mùirn. Gu’n doir thu bho’n chléir mi Le ceutadh ’s le cliu; ’S nach doir thu cion falaich ’Nighean barain no diuc’. Cha ruig thu leas a bhi ’m barail Gur h-e do bharantas cuil, Bheireadh dh mhs’ a bhith ’m barail Gu’m bu leann an dhomh thu. Ach tu bhith ’shiol nam fear mora, ’S tu cho boidheach ’s cho cuimt’. ’S mi gu’n deanadh do phosadh Ged bhiodh do stòras air crun. Ach mur h-fhéil’ do ghaol agam Tha mi fad’ ann an call; ’S mor is misde mo phearsa ’N gaol beachdaidh so bh’ ann. Ged bu leamsa de bheairteas Siorrachd Pheirt s Innse-Gall, B’ fhearr leam cumhnanta t’ fhacail Na gach pailteas fo ’m laimh. ’S ma ’s a beag leat mo thochradh Gu bheil m’ fhortan aig Dia; Gur a lionmhor mo chinneadh Gus na shireadh tu ’dhiol Ma ’s e lughad mo nithe A bhrisd orm do ghràdh, ’S mairg mis thug cion falaich Dhuit-sa thairis air càch. ’S daor a cheannaich mi ’n grinneas Bha air inneal do làmh; Nuair a chunnaic mi’n gille Chaidh mi ’n iomairt mo bhais, Le ro mheud ’s thug mi thlachd dhuit, Leig mi seachad orm càch; ’S tha mi ’g inns’ ann am chòmhradh Gur tu-s’, a Dhòmhnaill, mo ghràdh. Tha e air a ràdh gur h-ann do Dhòmhnall Donn Bhoth-Fhionntainn a chaidh an t-oran so a dheanamh, agus gur h-i nighean do thighearna Ghlinn-Moireastain a rinn e. Bi a chlàrsach inneal a làmh. Cumha MHIC-DHONNACHAIDH GHLINNE-FAOCHAIN. Ho, gur mi à ’tha air mo leonadh, Na i ri ri ho ro; Ho, gur mi ’tha air mo leonadh, Na i ri ri ’s i ri ri ho ro. Bho latha blàr Inbhir-Lòchaidh; Bha ruaig nan Eirionnach dòite, ’Thàinig do dh’ Albainn gun stòras, A bha dh’ earras air an cleòcaibh. Thug iad spionnadh do Chlann-Domhnaill; Mharbh iad m’ athair is m’ fhear-pòsda, ’S mo thriuir mhacanan grinn òga, ’S mo cheathrar bhràithrean ga ’n stròiceadh, ’S mo naoidhnear cho-dhaltan bòidheach. Loisg iad mo chuid coire’ is eòrna. Mharbh iad mo chrodh mór gu feolach, ’S mo chaoraich gheala ga ’n ròsdadh. Ho gur mise ’th’ air mo chlaoidheadh Mu Mhac-Dhonnachaidh Ghlinne-Faochain; Tha gach fear ’san tir s’ ga d’ chaoineadh Thall ’sa bhos mu Inbhir-Aora, Mnathan ’sa bhasraich ’s am falt sgaoilte. Ho gur mi tha air mo mhilleadh, Mu mharcaich’ nan srian ’s nam pillein, ’Thuit ’sa chaonnaig le ’chuid ghillean, Thug Mac-Cailein Mór an linn’ air, ’S leig e ’n sgriob ud air a chinneadh. ’Se Caimbeulach a bha am Fear Ghlinne-Faochain. A reir coltais ’s i a bhean aige a rinn an t-oran. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar tha do Shuilean? Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagairt ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna. [TD 297] [Vol. 9. No. 39. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 29, 1901. No. 39. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XVII. “THA IAD AG RADH.” THA e air a radh gu ’m falbh a’ bhreug air astar anabarrach fada ann an ùine gle ghoirid, agus tha so fior gu leòr. Tha e mar an ceudna soilleir gu leòr do dhuine sam bith a bheir fa near e, gur ann do ’n bhréig is luaithe a bheir daoine creideas na do ’n fhìrinn. Ach ma bhios tomhas mòr de sgainnil anns an naigheachd fhìrinnich, siubhlaidh i cho luath ris a’ bhréig fhein. Tha ni éiginn anns an duine gu nàdurra a tha toirt air barrachd mòr tlachd a ghabhail ann a bhith ’g aithris mi-chliu na ann a bhith ’g aithris deadh-chliu. Tha an nàdar truaillidh so ri fhaicinn aig gach àm, agus anns gach àite. Tha tomhas dhe’n spiorad so ri fhaicinn, eadhoin air an latha ’n diugh, am measg nan daoine a tha gu follaiseach ag aideachadh na diadhachd. Ni cuid diubh gàirdeachas anns an eucoir a cheart cho math ris na daoine a’s miosa ’th’ anns an dùthaich. Cha’n abair mi gu’m bheil iad so tur falamh de spiorad na diadhachd; ach their mu gu’m bheil mòran de spiorad an t-seann Adamh annta fhathast. Ged a tha tomhas de ghràdh Dhe na ’n cridheachan, cha ’n ann aig gràdh Dhe a tha ’m facal a’s àirde ann an riaghladh an cridheachan. Air aon dòigh no dòigh eile, sgap an naigheachd air feadh na dùthchadh gu’n robh am maor ’na dhroch dhuine mu’n d’ thainig e do’n dùthaich, agus gu’n robh e ’cur mòran dhe na nithean a bha bean an uachdarain a’ cur g’a ionnsuidh air son nam bochd air leith air son fheuma fhein agus feum a theaghlaich. Mar a tha e furasda gu leòr a thuigsinn, bha gach sgeul a bha air aithris m’a thimchioll mòran na bu mhiosa na ruigeadh e leas a bhith. Ged a bha am maor dona gu leòr, cha robh e cho fìor dhona ’s a bha daoine a’ cur as a leith. Ach bha na naigheachdan a bha air an aithris m’a thimchioll air an cur mar bu trice ann am briathran cho gleusda ’s nach robh e furasda urra chinnteach fhaotainn air an deanadh am maor agus a chàirdean greim. Ged a bha na naigheachdan ann am beul gach duine, cha robh duine sam bith comasach air urra a thoirt seachad bu chinntiche na “Tha-iad-ag-radh.” A nis, tha e soilleir gu leòr nach dean an lagh greim air “Tha-iad-ag-radh,” agus air an aobhar sin faodaidh “Tha-iad-ag-radh” gu leòr a ràdh anns nach bi aon fhacal fìrinn. Ged a bha am maor ’na dhuine eucorach, bha e glé thlachdar agus glé aoidheil ri daoine an àm a bhith bruidhinn riutha, agus a’ deanamh gnothaich riutha. Bha fhios aige nach freagradh a’ chaochladh de dhòigh dha. Mar bu shuidhichte a bhiodh e ’na inntinn air gnothaichean carach, mealltach a dheanamh, is ann a b’ aoidheile ’s bu bheulaiche ’s bu bhrosgalaiche a bhiodh e ris na daoine. Agus air an aobhar sin, bha àireamh nach bu bheag dhe ’n t-sluagh nach robh a’ creidsinn gu’n robh eucoir no eas-onair sam bith ceangailte ris. Am measg na muinntir aig an robh amhrus làidir gu’m bu duine eucorach a bh’ ann, bha àireamh bheag a’ seasamh gu dìleas air a thaobh. Bha iad a’ deanamh so, cha b’ ann a chionn gu ’n robh meas mòr aca air, ach a chionn gu’n robh araon eagal aca roimhe, agus mar an ceudna gu ’n robh iad a smaointean gu’m b’ e an gliocas agus am buanachd a bhith gu teith, dealasach a’ seasamh air a thaobh. Agus cha do chaill iad dad le bhith air a thaobh; oir bha e gu bog, balbh a’ gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh e air fearann math a thoirt dhaibh, agus air moran de dh’ obair an uachdarain a chur ’nan lamhan. Ged a fhuair am maor am mach gu ’n robh àireamh mhòr de shluagh na dùthchadh ’ga ruith sios air chùl a chinn, cha robh e ’leigeadh dad air. Bha de ghliocas agus de thuigse ann na bha ’toirt air a chreidsinn gu’m b’ fhearr dha gu mòr fuireach sàmhach, agus leigeadh leis a’ mhonabar a bha ’measg nan daoine dol bàs, na tòiseachadh ris an tuilleadh diumbaidh a chosnadh dha fhein le teannadh ri bagradh air sluagh na dùthchadh gu léir. A bharrachd air so, thuig e nach biodh e idir furasda dhe a fhein a shaoradh air beulaobh a’ bhreithimh ged a rachadh e gu lagh. Chuir e fhein agus a theaghlach rompa nach biodh coltas gruaim no diumbaidh orra ri neach sam bith dhe ’n mhuinntir a bha ’labhairt gu h-olc mu’n deidhinn. Mar so chaidh aca air tomhas mòr de dheadh-ghean nan daoine a ghleidheadh. Ged a bha e air innseadh do ’n mhaor ’s d’ a theaghlach gu’m b’e Aonghas is Domhull a sgaoil an naigheachd mu dheidhinn aodaichean nam bochd air feadh na duthchadh, cha robh iad an toiseach ’ga chreidsinn. O’n a bha mac Lachlainn fo ainm a bhith math gu innseadh agus gu deanamh naigheachdan gun bhun gun bharr, cha robh iad a’ toirt mòran creideis dha. A bharrachd air so, bha meas mòr aca air Aonghas agus air Domhull, agus bha dòchas làidir aca gu’n leanadh iad air a bhith ’tathaich an taighe mar bu ghnàth leotha. Bha fhios aca gu’m b’e an gliocas a bhith réidh ri teaghlach Dhomhuill Hearraich air a h-uile cor, o’n a bha meas mòr aig an uachdaran air fhein agus air Aonghas a mhac. Bha fhios aca gu’n creideadh an t-uachdaran Domhull Hearrach air thoiseach air sluagh na dùthchadh gu léir. Agus dh’ fhaodadh e sin: oir bha Domhull Hearrach ’na sheirbhiseach cho dìleas ’s a bh’ aig maighstir riamh. Ach a dh’ aindeoin cho toileach ’s gu’n robh iad air càirdeas a chumail suas ri teaghlach Dhomhuill Hearraich, dh’ fhairlich an gnothach orra. Sguir Aonghas agus Domhull a dhol an còir an taighe aca. Ged a bha Aonghas aotrom, gòrach, agus iomadh uair glé dheas gus iomadh ni a ràdh agus a dheanamh nach biodh aon chuid freagarrach no iomchuidh, cha robh cealgaireachd sam bith ann. Aon uair ’s gu’n do thionndaidh ’inntinn an aghaidh a’ mhaoir agus a theaghlach, cha rachadh e steach air an dorus aca ged a bheirteadh duais mhor dha. Agus bha Domhull, a chompanach, a cheart cho aindeonach ri Aonghas fhein mu dhol do thaigh a’ mhaoir. Cha b’ e cho beag ’s a bha de cheilg ann an Aonghas a bha uile gu léir a’ toirt air taigh a’ mhaoir a sheachnadh, ach a chionn nach leigeadh an nàire leis a bhith cho dàna ’s an taigh ’s a b’ àbhaist dha an deigh a bhith ’farchluais aig na h-uinneagan. Ach na ’n robh e cho làn de ’n cheilg ri iomadach fear, rachadh e do’n taigh air chéilidh mar bu ghnàth leis, gun naire gun athadh. Thug muinntir an àite an aire nach robh Aonghas is Domhull a’ dol an gaoth taigh a mhaoir, agus thug sin orra gu’n do chreid iad gu’m faca no gun cual’ iad nithean nach do chòrd riutha. Bha iomadh aon dhiubh glé thoileach fios an aobhair fhaotainn. Agus an uair a theireadh iad “Tha iad ag radh, ’Aonghas, gu’m faca ’s gu cuala tusa agus Domhull beag mac Sheumais nithean aig taigh a’ mhaoir nach fhuiling an solus fhaicinn,” theireadh Aonghas riutha, “Mur ’eil urra agaibh a’s fìrinniche na “Tha-iad-ag-ràdh,” cha ’n fhiach bhur seanachus bonn-a-h-ochd. Mar a thuirt an seanfhacal, “Bu choir ‘Tha-iad-ag-ràdh’ a chrochadh.” An corr fiosrachaidh cha ’n fhaigheadh iad ged a dheanadh iad an teanga tana ’ga cheasnachadh. Agus mu dheidhinn Dhomhuill bhig, dh’ éisdeadh e ris na daoine a bhiodh ’ga cheasnachadh mu’n chuis mar gu ’m biadh e dall, bodhar. Ged a chuir Aonghas is Domhull rompa nach tugadh iad guth no iomradh ri duine sam bith air aon ni dhe na chunnaic ’s a chual’ iad, ghabh a h-uile duine amhrus gu’m faca ’s gu’n cual’ iad mòran dhroch nithean mu thaigh a mhaoir a bharrachd air na bha mac Lachlainn ag innseadh. Ged a bha mòran naigheachdan air an aithris o bheul gu beul air feadh na duthchadh mu’n deidhinn, bha na naigheachdan so air a dhol bàs leotha fhein mur b’e na thuirt te de nigheanan a’ mhaoir mu dhéidhinn Aonghais is Dhomhuill. Bha teaghlach a mhaoir a’ cumail am mach ri bean Dhomhuill Bhain gu’n robh meas mòr aca oirre, agus bha iad a gabhail a h-uile cothrom air a bhith caoimhneil, comhraiteach rithe, cha b’ ann a chionn gu ’n robh meas mòr sam bith aca oirre, ach a chum gu ’m faigheadh iad fios uaipe air gach naigheachd a bhiodh am measg an t-sluaigh. Air latha àraidh chaidh bean Dhomhuill Bhàin air chéilidh do thaigh a mhaoir. Rinneadh fodhail mhòr rithe, agus air eagal gu’m faiceadh am maor i, rinneadh cuirm shòghmhor dhi anns a’ chlosaid. Fhuair i lan na slige dhe’n stuth làidir a bh’ aig bean a’ mhaoir anns a’ bhotul-chéise mu’n do bhlais i air na nithean matha a chuireadh air a beulaobh. Bha te dhe na nigheanan ’na suidhe comhladh rithe aig a’ bhòrd, agus a’ frithealadh dhi cho cùramach ’s ged a b’e bean an uachdaran a bhiodh innte. Ged a bha bean Dhomhuill Bhàin gu nàdarra deas-bhriathrach gu leòr, chuir an stuth a bh’ anns a’ bhotul-chéise gu barrachd bruidhne i. “Tha iad ag ràdh,” ars’ ise, “nach ’eil mac Dhomhuill Hearraich agus mac Sheumais a’ tighinn an [TD 298] [Vol. 9. No. 39. p. 2] còir an taighe agaibh an dràsta, agus tha e air aithris gu ’m faca ’s gu ’n cual’ iad rudan nach do chòrd riutha. Ach cha d’ thug mi fhìn geill sam bith do na chuala mi. Tha amhrus agam nach ’eil anns an dithis ghillean ud ach sgaomairean suarach nach creid duine tùrail sam bith. Ged a tha ’n truaighe air mac Sheumais tha na seachd truaighean air mac Dhomhuill Hearraich. Cha chreidinn aon fhacal a thigeadh as a bheul ged a bhiodh an fhìrinn aige. Fhuair mise mo dhiol dhe theangaidh mhosaich mar tha, agus cha’n ’eil farmad sam bith agam ri daoine a theid ’na bheul.” “A nis, a bhean Dhomhuill, o’n is tu te th’ ann, innsidh mise dhut ciod a thug orra an taigh againne a sheachnadh. Ach air na chunnaic tu riamh na toir guth ri duine beò gur e mise a dh’ innis dhut e. Bha iad nan dithis a’ tathaich an taighe againne, agus bha sinn aoidheil, caoimhneil riutha mar a bha sinn ris a h-uile fear eile dhe’n seòrsa a thigeadh rathad an taighe. Ach an uair a thuig sinn gu’n robh iad a maideachadh ormsa agus air mo phiuthair gus ar pòsadh, leig sinn ris dhaibh nach biodh gnothach againne ri fear seach fear dhiubh. Rud a bha nàdarra gu leòr, ghabh iad so gu h-olc. Agus cha’n fhoghnadh leotha an taigh a sheachnadh, ach dh’fheumadh iad a bhith ’togail droch naigheachdan air an teaghlach againn. Bhiodh éis pòsaidh oirnne mu ’n gabhamaid fear seach fear dhe ’n dithis.” Bha mòran comhraidh eatorra mu thimchioll gach naigheachd a bha air feadh na duthchadh air nach ruigear a leas iomradh a thoirt an so. Mu ’n d’ thainig ceann seachdain sgaoil an naigheachd air feadh nam bailtean gu’n robh Aonghas agus Domhull ag iarraidh dithis de nigheanan a’ mhaoir, agus nach gabhadh te seach te dhiubh a h-aon aca. Bha cuid ’ga chreidsinn, agus cuid eile nach robh. Chuala na gillean fhein an naigheachd, agus thuig iad gu math c’ar son a thogadh i. Ach cha do chuir i gruaim sam bith orra, agus cha mhò a thuirt iad nach robh i fior. An uair a chuirteadh a’ cheisd ri Aonghas m’a dheidhinn, theireadh e: “Tri nithean ’s na gabh nàir’ asd’, Ged nach tigeadh iad ri d’ chàileachd— Each’ gad thilgeadh, bàt’ gad fhàgail, ’S bean le tàir ’gad dhiùltadh.” (Ri leantuinn.) Banrigh Bhictoria. BIDH cuimhne aig sluagh an t-saoghail gu bràth air Banrigh Bhictoria. Cha robh a leithid riamh air an talamh, agus tha sinn a chreidsinn nach bi. Cha’n e mhàin gu’n robh i a’ riaghladh thairis air Iompaireachd fharsuinn Bhreatuinn—Iompaireachd dhe ’m bheil earran anns a h-uile cearn dhe ’n t-saoghail mu ’n iath a’ ghrian—na b’ fhaide na h-aon sam bith eile a bha riamh air cathair rioghail na rioghachd, ach bha i mar an ceudna a’ riaghladh gu glic, gu cothromach, agus gu ceart. Cha robh i fichead bliadhna dh’ aois an uair a thòisich i ri riaghladh. Thòisich i ann an ainm Dhé. An uair a dhùisgeadh as a cadal i an oidhche ’dh’ eug Righ Uilleam IV., bràthair a h-athar, a chum gu’m biodh i gun dàil air a gairm ’na Banrigh, agus a thugadh an lathair Comhairle Dhiomhair na rioghachd i, b’ e a’ cheud iarrtus a rinn i, gu’n deanadh am fear dreuchd cho àrd ’sa bh’ anns an Eaglais, agus e aig an am anns an t-seòmar anns an robh a’ Chomhairle cruinn, ùrnuigh ri Dia air a son, agus maille rithe. Cha b’ ann ri fuil agus feòil a chuir i a comhairle, ach ris an Tighearna Dia Uile Chumhachdach, a bha ’na aonar comasach air eòlas agus tuigse, agus gliocas araon aimsireil agus spioradail a thoirt dhi. Bha làn fhios aice gu’n robh uallach ro throm gus a bhith air a leagadh air a guaillean ann am freasdal glic agus cothromach an Tighearna, agus thuig i gu soilleir nach robh e ’n comas dhi a dleasdanas a chur an gniomh mar bu chòir dhi as eugmhais cuideachadh agus comhnadh an Tighearna aig gach àm agus anns gach àite. Cha’n ’eil e ’na ioghnadh mòr leinn ged a shoirbhich cho mòr leatha, oir tha facal Dhe a’ teagasg dhuinn gu soilleir, gu’m bi soirbheachadh aimsireil agus spioradail aig gach neach a thòisicheas ann an tùs a làithean ri iarraidh an Tighearna, agus a bhios ’ga iarraidh o latha gu latha le creideamh, agus le uile dhùrachd a chridhe. Bha ’n dòigh anns an do thòisich a’ Bhanrigh ri riaghladh, agus anns an do lean i air riaghladh gus an latha mu dheireadh, ’na bheannachd dhi fhein, dh’ a teaghlach, agus do’n àireamh mhòr shluaigh a bha fo a riaghladh air feadh an t-saoghail. Cha ’n e mhain so, ach bha e ’na bheannachd do chuid mhòr de rioghachdan eile an t-saoghail. Tha ’n doigh anns am bheil rioghachdan an t-saoghail gu léir an diugh ’ga caoidh, ’na dhearbhadh soilleir dhuinn gu’n robh meas mòr aig uile rioghachdan agus uachdaranan an domhain oirre. Tha e furasda dhuinn a thuigsinn gu ’m bheil e nàdarra gu leòr do dhaoine, ciod sam bith inbhe anns am bi iad, eisimpleir na daoine air am bheil meas aca a leantuinn ann an tomhas beag no mòr. Agus tha dòchas againn gu’m bi righrean agus banrighrean an t-saoghail, gu sònraichte a’ chuid sin dhiubh a tha nis a leigeadh ris gu’m bheil, agus gu’n robh meas mòr aca air Banrigh Bhictoria nach maireann, a’ feuchainn ri bhith ’caitheamh am beatha gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhaidh mar a bha ise. Ged a’ bhiomaid a sgriobhaidh m’a deidhinn gu cionn bliadhna, cha bhiodh e an comas dhuinn trian dhe na buadhan inntinn a bhuilicheadh oirre a chur sìos anns na duilleagan so. Ged a tha mòran air a sgrìobhadh mar tha m’a deidhinn, araon ann am paipearan, agus ann an leabhraichean, cha ’n ’eil ann ach beagan an coimeas ris na rachadh aig daoine air a sgrìobhadh. Tha àireamh mhòr de shluagh an t-saoghail a’ smaointean gu’m bheil na righrean agus na banrighrean a’ caitheamh am beatha gun mòran math a dheanamh. A thaobh an dòigh air am bheil an Iompaireachd fharsuinn do’m buin sinne air a riaghladh, tha cuid mhòr dhe’n t-sluagh a’ smaointean gu ’m bheil cùram agus uallach na rioghachd gu léir air an leagadh air guaillean na Parlamaid. Ach cha’n ’eil so fior ach ann an tomhas beag. Mar is àirde suidheachadh neach sam bith, is ann is mò tha de dh’ uallach m’a cheann. Faodar a ràdh le firinn nach robh neach beò air an talamh aig an robh uiread ri dheanamh ’s a bh’ aig a’ Bhanrigh. Cha robh gnothach cudthromach sam bith a thigeadh, o àm gu àm, fa chomhair luchd-riaghlaidh na rioghachd nach robh air a thoirt air beulaobh na Banrigh. Ged a bha comhairlichean lionmhor aice, bu mhath leatha fios a bhith aice air a h-uile gnothach cudthromach a thigeadh fa ’n comhair. B’ e a dleasdanas, a reir an ordugh-riaghlaidh leis an robh an rioghachd air a riaghladh o chionn iomadh linn, a bhith ag aontachadh leis gach ni a chitheadh na h-àrd-chomhairlich agus a’ Pharlamaid iomchuidh a dheanamh. Ach bu tric a thàinig oirre a bhith ’reusanachadh ris an luchd-comhairle an uair a thigeadh iad ’na làthair air cheann an gnothaich. Tha cuid dhiubh a nis ag aideachadh, gu’m b’ ann na ceann-se a bha ’chomhairle cheart a’ cinntinn mar bu trice, agus nach b’ ann ’nan cinn-san. Ach aon uair ’s gu’m faiceadh ise nach biodh na comhairlich idir deònach deanamh mar a bhiodh e ag iarraidh orra, leigeadh i leotha deanamh mar a chitheadh iad fhein iomchuidh. Tha iad ag aideachadh gu saor gu’m b’ ann aicese a bha ’chomhairle bu ghlice, agus an uair a dheanadh iad rud sam bith nach robh ceart ’na sealladh-se, gu’m biodh aobhar aithreachais aca ’na dhéigh sin. Ged a thachradh dhi, mar is minic a thachair, a bhith ùine mhath a’ reusanachadh ris na comhairlich, agus ag iarraidh orra deanamh mar a bhiodh i fhein a’ smaoineachadh a bha ceart, cha’n aithnicheadh a h-aon aca gu’n robh gruaim sam bith oirre riutha. Cha chualas riamh gu’m facas coltas feirge air a gnùis. Tha so a’ nochdadh dhuinn, gu’n robh i anabarrach làidir ’na h-inntinn. An neach a tha làidir ’na inntinn, theid aige air smachd a chur air an fheirg agus air a’ chorruich, an uair a thòisicheas iad ri dùsgadh an taobh a staigh dheth. Tha aobhar sònraichte air cùl a h-uile rud a tha ’tachairt anns an t-saoghal. Tha cuid dhe ’n aobhar leis am bheil soirbheachadh aimsireil agus spioradail a tighinn a dh’ ionnsuidh dhaoine, ann an làmh an Tighearna, agus cuid eile ann an làmhan dhaoine. B’ e athair na Banrigh, Diuc Chent, am mac a b’ òige a bh’ aig Righ Seoras III. Agus b’ e am mac cho math ’s a bh’ aig ’athair. Cha robh mòran airgid riamh m’a làimh, agus cha bu mhisde cùisean sin dad. Phòs e bantrach Prionnsa anns a’ Ghearmailt. Bha a’ bhantrach so ’na boirionnach anabarrach glic, tuigseach, diadhaidh, agus mnaoi cho math agus cho dleasdanach ’s a b’ urrainn a bhith. An uair a thuig Diuc Chent agus a bhean gu ’n robh teaghlach air thuar a bhith aca, chuir iad rompa gu’n tigeadh iad do Shasuinn mu ’m beirteadh an leanabh. Bha fhios aca gu ’m b’ e an leanabh a bha gu tighinn, co dhiubh bu mhac no bu nighean a bhiodh ann, a bhiodh ’na oighre air Crùn Bhreatuinn. Agus air an aobhar sin, cha bu toil leotha gu’m biodh an leanabh air a bhreith anns a’ Ghearmailt. Ach gu mi-fhortanach bha iad cho gann a dh’ airgiod ’s nach robh e ’n comas dhaibh tighinn gu ruige Sasunn anns an doigh anns am bu mhath leotha tighinn. Chuir an Diuc fios gu fear dhe ’bhràithrean a’ dh’ iarraidh airgid air gus a’ ghnothaichean a chur an òrdugh, agus am faradh a phàigheadh gu ruige Sasunn mar a dh’ fheumadh fear dhe sheòrsa a dheanamh. Agus mar is minic a thachair, cha d’ thug a bhrathair fuasgladh dha ann an latha na h-éiginn. Ach thug neach eile dha na bha dhìth air. Beagan ùine an deigh dhaibh tighinn doShasunn, rugadh an leanabh, agus thugadh Alecsandrina Bhictoria mar ainm oirre. Cha robh i bliadhna dh’ aois an uair a dh’ eug a h-athair. Rinn a mathair gach ni a ghabhadh deanamh gus a togail anns gach dòigh a bha math, agus fiorghlan, agus cliùiteach. Ged a bha gach frithealadh air a dheanamh dhi le deadh bhanaltruman, is gann gu’n leigeadh a màthair as a sealladh i, air eagal gu ’m faiceadh no gu ’n cluinneadh i dad sam bith a chuireadh droch eisimpleir roimpe, no a thogadh droch smaointean ’na cridhe. Bha e eadhoin air a thoirmeasg dhaibhsan a bhiodh a’ frithealadh dhi, innseadh dhi gu’n robh i gus a bhith fhathast ’na Banrigh, air eagal gu’m fàsadh i mòr aisde fhein. O thùs a h-òige bha i air a teagasg o fhacal Dhé. Bhiodh am mathair ag ùrnuigh air son agus maille rithe gach madainn is feasgar. An uair a bha i eadar a seachd deug ’s a’ h-ochd deug, air dhi a bhith ’tuigsinn gu’n robh i gus a bhith ’na Banrigh, rùnaich i, ann an neart an Tighearna, gu’n tugadh i i-fhein suas gu buileach do Dhia agus dh’ a sheirbheis. Agus chum i ris a’ bhòid so gu latha ’bàis. [TD 299] [Vol. 9. No. 39. p. 3] O’n a bha i fhein ’na dilleachdan, agus a mathair gann gu leòr de nithean matha na beatha so, a reir an t-suidheachaidh anns an robh i, bha truas mòr aice riamh ris na dileachdain. Bha i ochd bliadhna deug ar fhichead ’na bantraich agus air an aobhar sin, bha co-fhaireachadh mòr aice ris na bantraichean. Bha i ’na mnaoi mhath, ’na màthair mhath, ’na Banrigh mhath, agus ’na coimhearsnach math. Faodar a ràdh m’a deidhinn mar a thuirt am fear-eachdraidh mu dheidhinn Heseciah, righ Iudah: Rinn i an ni sin a bha math, agus ceart, agus fìrinneach ann am fianuis an Tighearna a Dé. Agus a thaobh gach oibre air an do thòisich i ann an seirbhis taighe Dhé, anns an lagh, agus anns na h-àitheantaibh, a dh’ iarraidh a Dé, rinn i e le a h-uile chridhe, agus shoirbhich leatha. Rinn sluagh na h-Iompaireachd fharsuinn a bha fo riaghladh, caoidh is bron air a son, agus mar an ceudna, àireamh do-àireamh de shluagh eile an t-saoghail. Is e barail nan uile nach robh nàmhàid fo’ n ghrein aice. IAIN. Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. VII. ANNS a’ cheart am chuir an righ air falbh Giafar, agus air dha bhith gu mor fo bhuaidh na feirge, sgriobh e le ’laimh fhein an litir a leanas a dh’ ionnsuidh righ Shiria, a bha chomhnuidh ann an Damascus, agus a bha ’g iocadh cis dha:— Litir o Righ Haroun Alraschid gu Mohamed Sinebi, Righ Shiria. “A CHARAID,—Tha ’n litir so ag innseadh dhut gu ’n d’ thug marsanta a Damascus, do ’n ainm Ganem, mac Abou Aidhoub, a thaobh Fetnah, a’ bhan-oglach a’s tlachdmhoire a bh’ agam, agus gu ’n do theich e. Is e mo thoil-sa, an uair a leughas tu an litir so, gu ’n dean thu mion-rannsachadh air a shon, agus gu ’n cuir thu ann an sas e. Agus an uair a gheibh thu greim air, cuiridh tu ann an iaruinn e, agus tri latha an deigh a cheile, bheirear leith cheud buille dha le cuip. ’Na dheigh sin falbhar leis feadh a’ bhaile gu leir, agus biodh fear a’ glaodhaich roimhe, ag radh, ‘So am peanas a’s lugha ’ni ceannard nan creideach air fear sam bith a bheir oilbheum dha, no a thruailleas aon de chuid banoglach.’ ’Na dheigh sin cuiridh tu an so e g’ am ionnsuidh-sa fo fhreiceadan laidir. Is e mo mhiann gu ’n tugadh tu fa near a thaigh a spuinneadh; agus na dheigh sin gu ’m biodh a h-uile clach dheth air a leagadh gu lar, agus gu ’n tugteadh a h-uile ni dhe ’m bheil an taigh air a thogail am mach as a’ bhaile a dh’ ionnsuidh meadhain a’ chomhnaird. A bharrachd air so, ma tha athair, no mathair, no peathraichean, no mnathan, no nigheanan, no luchd-daimh sam bith eile aige, thoir aithne an rusgadh; agus an uair a bhios iad ruisgte, thoir fa chomhair sluagh a’ bhaile iad fad thri latha, agus bagair am bas air duine sam bith a bheir biadh no fasgadh dhaibh. Tha mi ’n dochas gu ’n dean thu mar a tha mi ag aithneadh dhut gun dail sam bith. “HAROUN ALRASCHID.” An uair a sgriobh an righ an litir so, chuir e teachdaire air falbh leatha le cabhaig, agus dh’ ordaich e do ’n teachdaire calamain a thoirt leis a chum gu ’m faigheadh e fios na bu luaithe ciod a rinn righ Shiria ri Ganem. Tha calamain Bhagdad comharraichte anns an doigh so; ciod sam bith cho fada air falbh ’s gu ’n toirear iad, tillidh iad do Bhagdad cho luath ’s a leigear as iad, gu sonraichte an uair a bhios na h-eoin aca. Tha litir air a ceangal fo na sgiathan aca, agus air an doigh so, gheibhear fios ann an uine ghoirid a aiteachan fad air falbh. Bha ’n teachdair a chuir an righ leis an litir a’ dol air adhart gun stad a latha ’s a dh’ oidhche, o ’n a bha ’n gnothach a dh’ earbadh ris cho cabhagach. An uair a rainig e Damascus, ghrad chaidh e do luchairt an righ, agus mar urram do righ Bhagdad, shuidh righ Shiria air an righ-chathair mu ’n do ghabh e as a laimh an litir. An uair a thug an teachdaire an litir dha, sheall e oirre, agus an uair a dh’ aithnich e an lamh-sgriobhaidh, dh’ eirich e ’na sheasamh mar chomharradh air an urram a bha e ’meas dligheach do righ Bhagdad, agus phog e an litir. Chuir e a lamh air a cheann mar chomharradh gu ’n robh e deas gus umhlachd a thoirt do ’n aithne a fhuair e. Dh’ fhosgail e i, agus an uair a leugh e i ghrad thainig e nuas bhar na cathrach. Gun dail sam bith, mharcaich e fhein agus àrd oifigich na cùirte air falbh gus a dhol a dh’ ionnsuidh an taighe aig Ganem. Chuir e fios air ard-bhreitheamh a’ bhaile gus a dhol comhladh ris fhein agus ris an fhreiceadan. Cha d’ fhuair a mhathair litir no fios sam bith eile o Ghanem o ’n a dh’ fhalbh e gu ruige Bagdad. Ach thill na marsantan eile a dh’ fhalbh comhladh ris dhachaidh, agus dh’ innis iad dh’ a mhathair gu ’n d’ fhan e ann am Bagdad, agus gu ’n robh e slan fallain. Ach air a shon sin, o nach do thill e dhachaidh mar a rinn cach, agus nach do sgriobh e g’ a h-ionnsuidh, cha chreideadh a mhathair gu ’n robh e beo. Bha i g’ a deanamh fhein cho cinnteach gu ’n robh e marbh ’s gu ’n do chuir i uimpe eideadh broin. Bha i ’caoidh Ghanem mar gu ’m biodh i fhein an deigh fhaicinn a’ basachadh, agus mar gu ’m biodh i an deigh a shuilean a dhunadh. Cha robh mathair riamh ’na leithid de staid bhronaich. Agus an aite comhfhurtachd a ghabhail, is ann a bha i ’cumail suas a’ bhroin. Thug i fa near taigh-adhlacaidh a thogail anns a’ chuirt a bha mu ’n cuairt an taighe aice, anns an do chuir i iomhaidh a mic, comhdaichte le aodach dubh. Chuir i seachad a’ chuid bu mho dhe ’n latha ’s dhe ’n oidhche anns an taigh so a’ caoidh gu trom air son a mic, mar gu’m biodh e air adhlacadh ann. Agus bha Alcolomb, a h-ighean mhaiseach, an comhnuidh maille rithe, agus a’ sileadh nan deur cho frasach rithe fhein. Bha iad greis mhath a’ cur seachad na h-uine ri bron mar so. Agus o ’n a bha na coimhearsnaich an comhnuidh ’g an cluinntinn a’ gul ’s a’ caoidh, bha truas gu leor aca riutha. An uair a thainig Mohamed Sinebi, an righ, thun an doruis agus a bhuail e aige, dh’ fhosgail an t-searbhanta an dorus dha. Ghabh e steach le cabhaig, agus dh’ fheoraich e an robh Ganem a staigh. Ged nach fhac’ an t-searbhanta Sinebi an righ riamh roimhe, thuig i gu math leis na bha de dhaoine ’na chuideachd gu ’m feumadh gur e aon de na h-ard oifigich a bhuineadh do Dhamascus a bh’ ann. “Mo thighearna,” ars’ ise, “tha ’n Ganem sin a tha sibh ag iarraidh marbh. Tha ’mhathair, mo bhanamhaighstirsa, anns an taigh-adhlacaidh sin thall, agus i gu trom ’g a chaoidh.” Cha do chuir an righ suim sam bith anns na thuirt an t-searbhanta ris, ach thug e ordugh do na saighdearan an taigh a rannsachadh gu math feuch am faigheadh iad Ganem. An sin chaidh e thun an taigh-adhlacaidh, far am fac’ e a’ mhathair agus an nighean ’nan suidhe air lar-bhrat mu choinneamh iomhaidh Ghanem, agus iad a’ sileadh nan deur gu frasach. An uair a chunnaic na boirionnaich bhochda so an righ, chuir iad srol air an aghaidhean. Ach dh’ aithnich mathair Ghanem gu ’m b’ e righ Dhamascuis a bh’ ann. Dh’ eirich i as an aite ’s an robh i ’na suidhe, agus leig i i-fhein ’na sineadh aig a chasan. “Mo bhean mhath,” ars’ esan, “bha mi ag amharc air son do mhic Ganem; am bheil e an so?” “Ochan! mo thighearna,” ars’ a’ mhathair, “is fhad o ’n a dh’ eug e. B’ fhearr gu ’n d’ fhuair mi de thoileachadh a chuir anns a’ chiste-laidhe le mo lamhan fhin, agus gu ’n robh a chnamhan agam anns an taigh-adhlacaidh so! Oh, mo mhac, mo mhac gradhach!” Bha i air an corr a radh mur b’ e gu ’n robh i air a claoidh cho mor le trom-bhron ’s nach robh e ’n comas dhi leantuinn air bruidhinn ris. Bha Sinebi na dhuine caomhail a thaobh nadair, agus bha co-fhaireachadh aige ri creutairean truagha. “Ma ’s ann aig Ganem ’na onar a tha ’choire,” ars’ esan ris fhein, “c’ar son a dheanteadh dioghaltas air a mhathair ’s air a phiuthar ’s iad neo-chiontach? Ah! a Haroun Alraschid, is cruaidh an cridhe a th’ agad! Nach tu a tha ’cur an doilghios orm an uair a tha thu ’toirt orm dioghaltas a dheanamh air creutairean neo-chiontach nach d’ thug oilbheum sam bith dhut!” Thainig na saighdearan agus dh’ innis iad do ’n righ nach d’ fhuair iad Ganem ged a rannsaich iad gu math air a shon. Bha fhios aige gle mhath nach robh e ri ’fhaighinn; oir thug an suidheachadh deurach, tursach anns an robh na mnathan dearbhadh dha nach robh e ’s an taigh. Bha e an impis a dhol as a chiall a chionn gu ’n robh aige ri umhlachd a thoirt do ’n ordugh a thug righ Bhagdad dha. “Mo bhean mhath,” ars’ esan ri mathair Ghanem, “thig fhein agus do nighean am mach as an taigh-adhlacaidh sin! cha ’n aite sabhailte dhuibh e.” Chaidh iad am mach, agus air eagal gu ’n tugadh neach sam bith tamailt dhaibh chur e dheth an fhalluinn a bha uime, agus chuir e timchioll orra le cheile i, agus dh’ iarr e orra cumail dluth dha. An sin thug e ordugh do ’n t-sluagh gach ni a bh’ anns an taigh a thoirt leotha. Rinn iad so le ciocras mor, agus iad a’ glaodhaich cho ard ’s gu ’n do chuir iad eagal mor air mathair Ghanem ’s air a phiuthair, gu sonraichte a chionn nach robh fhios aca c’ar son a bha leithid a dhroch obair a’ dol air aghart. Thug an sluagh leotha am bathar bu luachmhoire bha ’s an taigh, cisteachan lan saoibhreis, lar-bhrait Phersianach agus Innseanach a bha anabarrach grinn, cluasagan a bha comhdaichte le aodach fighte le or is airgiod, soithichean shina ro luachmhor: a dh’ aon fhacal, cha d’ fhag iad dad an taobh a staigh dhe ’n dorus ach na ballachan loma. Bu shealladh ro bhronach do na mnathan uaisle a bhith ’faicinn an cuid dhe ’n t-saoghal air a thoirt air falbh agus gun fhios aca c’ar son a bha leithid de ghnothach eucorach air a dheanamh orra. An uair a thugadh gach ni air falbh as an taigh, thug Mohamed Sinebi ordugh do ’n ard-bhreitheamh an taigh-comhnuidh agus an taigh-adhlacaidh a leagadh gu lar. Agus am feadh ’s a bha ’n obair so a’ dol air aghart, thug e leis Alcolomb agus a mathair do ’n luchairt. B’ ann an sin a thug e an tuilleadh broin dhaibh an uair a dh’ innis e dhaibh mu ’n ordugh a thug righ Haroun Alraschid seachad. “Tha e ag aithneadh dhomhsa,” ars’ esan riutha, “an t-aodach a thoirt dhibh, agus bhur cur air falbh dearg ruisgte air feadh a’ bhaile fad thri latha a chum gu ’m faic an sluagh sibh. Tha e anabarrach fad an aghaidh mo thoile a’ bhinn chruaidh-chridheach agus mhaslach so a chur an gniomh.” Labhair an righ na briathran so air a leithid de dhoigh ’s gu ’n robh e soilleir dhaibh gu ’n robh e air a bhioradh ’na chridhe le truacantas agus le bron. Ged a bha truas mor aige riutha, dh’ fheumadh e an t-ordugh a fhuair e a chur an gniomh ar neo bheirteadh an rioghachd uaithe. Ach cha d’ rinn e uile gu leir mar a dh’ aithn Haroun Alraschid dha. An aite na mnathan truagha a chur air falbh air feadh a’ bhaile dearg ruisgte, dh’ ordaich e leintean mora gun mhuilicinnean a dheanamh dhaibh dhe ’n aodach cho dona ’s a bha ri fhaotainn. (Ri leantuinn). [TD 300] [Vol. 9. No. 39. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, AM MART 29, 1901. An t-Arm Breatunnach. (Oban Times). Thug an cogadh mu dheireadh so an dùthaich gu bhi faicinn nach ’eil an t-arm cho làidir ’s a bu chòir air son dìon na dùthcha. Anns na laithibh so féin tha e car brònach a bhi toirt fainear nach ’eil ach armailt glé shuarach aig an tigh; agus na ’n tigeadh na naimhdean oirnn gu ’m biodh sinn ann an teinn glé thruagh. Roimhe so o cheann lìnn no dhà bha sinn a’ cur ar n-earbsa as a’ chabhlach mhor neartmhor as am bheil sin uile làn do uaill. Bha sinn a’ meas gu ’n robh an cuan féin ’na dhion duinn; agus cha ’n ’eil teagamh nach robh agus nach ’eil dìon ann an cearcal na fairge. Ach tha na h-amanna ag atharrachadh. Tha dùthaichean eile mar an ceudna ag atharrachadh ’nan daimhean do ’r taobh fein. Tha eud is droch mhunadh mu ’n cuairt oirnn an diugh nach robh cho làidir riamh roimhe. Tha an t-Ard-Riaghladh, uime sin, a’ sonrachadh gu ’m biodh barrachd shaighdeirean air an cur air chois. ’S e an àireamh air am bheil iad a’ suidheachadh seachd ceud mìle (700,000); ach tha eagal mor air cuid nach fhaighear na bheil an so as eugmhais a bhi ag éigneachadh an t-sluaigh. Bidh còmhstri mhor mu ’n chùis so mu ’m bi nithean air an cur an eagaibh a chéile gu ceart. Tha feum air gu’m biodh an sluagh ’s gach àite ag altrum spiorad na sith. “Bha i-Fhein cho Caoimhneil.” Tha an sgeul beag a leanas, a thainig á Bail-a-cliabh, an Eirinn, a nochdadh cho mor ’sa bha ’n gràdh a choisinn Ban-righ Victoria dhi féin am measg an t-sluaigh anus gach cearna de’n rioghachd:— Bha gille beag, bochd, air droch aodach ’s air an robh coltas na caitheimh, a coiseachd air sràid Ghrafton, am Bail-a-cliabh, nuair a chunnaic e air an làr paipear air an robh na facail, “Bas na Ban-righ,” air an clo-bhualadh ann an litrichean mora, dubha. Chaidh e air ball far an robh caileag og a bha astar beag air falbh a’ creic fhlùranan, agus cheannaich e leis an aon sgillinn a bh’ aige badan beag de fhlùranan bòidheach gorma, agus gun fhacal a radh, ’s na deòir a’ sruthadh le ghruaidhean, chàirich e iad gu cùramach air an fhacal “Ban-righ.” Beagan mhionaidean an deigh sin ruith each is carbad thairis air, agus bha e air a ghiùlan do’n tigh-eiridinn, a’ bàsachadh. Anns an tigh-eiridinn chaidh fheòrach dheth le duin’-uasal a chunnnaic na rinn e, agus a lean air a shàil an deigh do’n sgiorradh tachairt, car son a chaidh e chosg an aon sgillinn airgeid a bh’aige anns an dòigh ud. “O ’dhuin’-uasail,” ars esan le guth fann critheanach, “nach robh i-fhein cho caoimhneil ris na saighdearan; agus nach eil mo dhithis bhràithrean, Pàdruig agus Pheilim, an drasta fhéin anns a chogadh.” Uine ghoirid an deigh sin chaochail e, agus chaill Righ Iomhar aon de na h-iochdarain bu dilse bha riamh aig a mhàthair. “Tuilleadh dhe d’ Airgead.” Bha baintighearn’ uasal, àrd aon uair ’an Glascho, a b’ àbhaist dol gu riaghailteach do’n eaglais, air a h-éideadh gu riomhach ann an sìoda, ’s gach seorsa de dh’ uidheam a bu bhriagha na chéile—sròl àrd luachmhor m’a ceann, sgàileagan sìoda ’n a làimh, agus uaireadair òir air a taobh. Cha b’ àbhaist d’i aon pheighinn a chur anns a’ mhèis air son nam bochd mar a rachadh i seachad, ach thionndadh i ris na foirfich le mòr mhodh, agus dheanadh i beic ìosal m’ an coinneamh, agus ’n a dhéigh sin sheoladh i a stigh do ’n eaglais le anabarr modhalachd. Latha de na làithean, mar a bha i a’ tighinn a stigh ’s a dlùthachadh air a’ mhèis, a’ dol a’ dheanamh beic mar bu ghnàth leatha, ghabh seann duine còir a bha ’n a sheasamh aig a’ mhèis misneach agus thubhairt e:—“A bhean-uasal àrd, fhlathail,” ars’ esan, “tog dheth so; thoir dhuinn na ’s lugha de d’ mhodh agus barrachd de d’ airgiod.” Ghabh a’ bhean-uasal an sanas a thug am foirfeach dh’i. Cha deach i tuilleadh seachad air a’ mheis gun a sgillinn a chur innte, agus beic a dheanamh mar an ceudna. A’ Choille. Mur cumar suas a choille cha bhi slàinte aig daoine. Is còir earann iomchuidh de gach dùthaich a bhi fo chraobhan ma thatar air son slàinte agus fallaineachd a bhi air am meall tuinn leis an t sluagh. Esan a tha saoithreachadh os leith na coille tha e saoithreachadh air son math agus buannachd sluaigh na dùthcha. Faodaidh craobh a bhi anns an rathad, ach cha’n ’eil i gun fheum idir. Is e ’n diugh an t-ám air son obrachadh ma tha sinn air son a bhi air ar beannachadh an àite bhi air ar mallachadh le sluagh nan linntean ri teachd. An cinneach a tha deanamh dearmad air na coilltean, is cinneach e d’an dàn a dhol am mugha.—Hon. Elizur Wright. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life Association. Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871. ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. Teachd-a-stigh, os Ceann Millean ’sa Bhliadhna. Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 301] [Vol. 9. No. 39. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh fear Domhnull Mac Cormaic, a bha ’g obair ann am mèinn International, am Bridgeport, a ghoirteachadh le tuiteam guail maduinn Diordaoin s’a chaidh. Dh’fhosgladh pàrlamaid Eilean a Phrionnsa Di-màirt leis gach greadhnachas is àbhaist a bhi air a chleachdadh. Cha’n ’eil dùil ri i bhi na suidhe ach ùine ghoirid, oir cha’n eil moran gnothuich ri dheanamh, agus tha a mhor chuid de na buill air an aon taobh. Cumaidh sin iad o bhi tarruinn uine le òraidean fada. Tha na gillean a bhiodh a draibheadh nan each ann am mèinnean Ghlace Bay a’ diùltadh obrach air an t-seachdain so. Tha iad ag radh gu’n robhtar a’ cur tuilleadh s’a chòir mu ’n coinneamh, agus air an aobhar sin, sguir iad. Cha’n eil ach fior bheagan guail ’ga chur a mach as an da mhèinn sin o chionn dha no tri lathaichean. Tha stoirmeannan mora sneachda anns na Stàidean an Iar o chionn seachdain no dha air ais. Ann an Colorado ’s an Nebraska, bha iad cho fiadhaich ’s gu robh na miltean de chrodh ’s de dh’ eich ’s de chaoraich air an call, cuid dhiubh air an reothadh gu bàs air na h-àiteachan nochte, agus cuid air an tiodhlacadh fo’n t-sneachda anns na glinn ’s am bruaichean nan aibhnichean far ’n do ghabh iad fasgadh. Chaidh fear Seumas Mathanach, a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, a ghoirteachadh aig an obair-iaruinn, Dior-daoin, le tuiteam bhar fùirneis air an robh e ’g obair. Cha robh e air a ghoirteachadh ro-dhona, agus tha e ’dol gu math am feobhas cheana. Beagan lathaichean roimhe sin chaidh triùir dhe’n luchd-obrach a losgadh le spraidheadh gas. Bidh iad air an cumail o obair gu ceann treis a dh’ ùine, ach cha’n eil iad ann an cunnart sam bith. Tha neo-chòrdadh a rithist ann am mèinnean-guail Phennsylvania eadar an luchd-obrach agus luchd-seilbh nan mèinnean; tha’n luchd-obrach a’ maoidheadh mur tig na maighstirean gu bhi leagte ri ’n iarrtus-san romh ’n cheud latha de dh’ Aprail gu’n seas iad a mach a rithist. Cha bhi sin buileach cho dona ri iad a sheasamh am mach toiseach a’ gheamhraidh. Tha luchd-seilbh nam mèinnean a’ cur rompa an obrachadh,an deigh so, deich uairean a h-uile latha. Tha na daoine dhe’n bharail gur ann a tha iad a deanamh sin air son moran guail a chur m’a seach air choinneamh strike, agus tha iad a’ bagradh a dhol am mach air ball. Tha leabhran miosail ga’r ruighreachd á baile New York d’ an ainm “An Gaodhal.” Tha e air a chlo-bhualadh gu snasail ann am Beurla ’s an Gàilig-Eireannach, agus cha ’n urrainn e ach a bhi taitneach leothasan a tha de shliochd na h-Eirinn, oir tha moran fiosrachaidh ann mu’n dùthaich sin agus mu h-eachdraidh. La Fheill Padruig, chuir “An Gaodhal” a dh’ ionnsuidh gach aon de luchd-gabhail litir anns an robh seamrag bheag ghorm a dh’ fhàs air fonn na h-Eirinn féin, agus a thugadh a mach do America air son ainm agus cliù Naomh Padruig ùrachadh ann an cridheachan an t-sluaigh a thainig a nall as an dùthaich a bha air a beannachadh cho mor tre ’shaothair. Chaidh bristeadh a stigh do’n stòr aig M. Caimbeul & Co., ann an Glace Bay oidhche Di-màirt, agus chaidh fiach ceud gu leth dolair de bhathar a ghoid. An oidhche cheudna, chaidh a mheairle cheudna dheanamh ann an stor cuideachd a’ ghuail aig Caledonia. Tha fios a tighinn as na h-Eileanan Philippeach, gu bheil Aguinaldo, ceannard nan ceannairceach, air a ghlacadh, agus a nise ’na phriosanach aig arm nan Stàidean. Tha dòchas aig muinntir nan Stàidean gu’n comhairlich Aguinaldo do na ceannardan eile striochdadh, agus ma ni iad sin, bidh an cogadh air a thoirt gu crich. Bha an t-uisge trom ann fad an latha ’n dé. Thug e isleachadh mor air an t-sneachda, agus far nach robh sneachda ghlan e am poll bhar nan ròidean. Tha an deigh air an acarsaid gu math crion, agus ma leanas an t-side car blàth, bidh e as an rathad an ùine gle ghoirid, agus bidh cothrom aig na bàtaichean-aiseig air ruith eadar an da bhaile. Tha comhairle ùr Ghlace Bay ann an trioblaid. Thatar a deanamh a mach nach robh an taghadh laghail, agus mar sin nach eil còir aca bhi suidhe mar comhairle. Chaidh gach ball de’n chomhairle a shumanadh an la roimhe, agus tha aca ri cùirt a sheasamh; ach cha’n eil fhios nach dean iad sin a sheachnadh le an àiteachan a thoirt suas, agus taghadh ùr òrduchadh. Cuiridh sin gach cùis ceart agus cumhnaidh e cosguis. Tha na Boerich a’ cogadh fhathast. Tha iad a seasamh am mach cho math ’s is urrainn iad, ach tha iad a sior chall ’s a’ sior fhàs na’s laige. A reir nam fiosan mu dheireadh a thainig, cha’n eil iad a’ deanamh a bheag ach a teicheadh roimh ’n arm, agus a deanamh gach call a tha ’nan comas a chur air na Breatunnaich. Tha an Seanalair Botha, a reir sgeòil, a cheana ’gabhail aithreachais nach do ghabh e ris na cumhachan a bha air an cur na thairgse le Kitchener. Tha soirbheachadh mor le iasgairean nan ròn ann an Newfoundland air an earrach so. Tha na soithichean a chaidh am mach a tilleadh làn luchdaichte. Thatar a meas nach eil àireamh nan ròn a chaidh a ghlacadh na ’s lugha na ceithir ceud mile, an àireamh a’s motha chaidh a ghlacadh air aon earrach o chionn fichead bliadhna. Bidh so na chuideachadh mor do mhuinntir Newfoundland, far am bheil a’ chuid is motha de’n t-sluagh an earbsa ri toradh na mara air son am beòlaind. Mar a chaidh iomradh roimhe, bha còrdadh air a dheanamh eadar Ruisia agus Sina, leis an robh Manchuria ri bhi air a chur gu h-iomlan fo riaghladh Ruisia. Chuir Breatunn an aghaidh so gu làidir, ag agairt nach bu chòir do Shina còrdadh sam bith a dheanamh ri aon rioghachd seach rioghachd eile gus am biodh cùisean na dùthcha an toiseach air an socrachadh air dhòigh a riaraicheadh na rioghachdan uile. Ghabh na Staidean agus Iapan pàirt Bhreatuinn anns a chùis, agus ’se bu chrich dh’an chòrdadh nach cuireadh luchd-riaghlaidh Shina an ainmean ris idir. ’S mor is fheairrde Ruisia sùil a chumail oirre. Tha sannt mor fearainn oirre, agus tha i gle thric coma ciod an dòigh air am faigh i e. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228 Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de BHIADH BHEOTHAICHEAN, tha na tha againn ’nan deagh chunnradh. Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1.30 am poca. Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd. Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann. Tha beagan bharaillean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4.00 againn fhathast. Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B. F. & J. MORLEY. [TD 302] [Vol. 9. No. 39. p. 6] BLIADHNA THEARLAICH. LE IAIN MAC-CHOINNICH. CAIB. XXXII. Bha Cluainidh agus Loch-Iall nan oghaichean, agus uime sin ro ghaolach air a’ chéile, rinn iad ionad falaich dhaibh féin ann am Meall-an-Iubhair air Beinn-altair, agus bha Mac-a-Phearson Bhracachaidh a bha pòsda ri piuthar do Chluainidh a’ cur thuc a bhiadh ’sa dheoch mar chaitheadh iad. Air an deicheamh latha fichead de mhìos dheireannach an fhoghair (an darra latha an deigh do Chluainidh falbh an coinneamh a’ Phrionns’) bha Loch-Iall, Fear-Bhracachaidh agus dithis eile, a’ cluich air na cairtean ann am bothan falaich Mheall-an-Iubhair a chum cur seachad na h-ùine, ’nuair a bha gill’ òg eile da ’m b’ ainm Ailean Cam-Shron a’ cumail freiceadain air uchdan os-ceann a bhothain. Air dhaibh a bhi co-strì ma “ghlacadh na deich” thainig Ailean Cam-Shron a staigh le cabaig a dh’ innse gu ’n robh cùignear dhaoine fo ’n armachd a’ tighinn a dh’ ionnsaidh a’ bhothain, (se sin ri radha: am Prionnsa, Fear-Locha-Garaidh, Gilleasbuig Cam-Shron bràthair Loch-Iall féin, agus a dhà sgalaig, b’ iad so na fir thainig maille ris a’ Phrionnsa bho Acha-na-Garaidh.) Bu diamhain do Loch-Iall a nis’ ionnsaidh thoirt air teicheadh; ged a bhiodh a phairtidh nàimhdean, mar a shaoil iad a bhi ann, ni bu leonmhoire; bha dà ghunna dhiag agus ceithir dagachan aca làn anns a’ bhothan, agus bha iad an deigh cuid dhiu a chur a mach tro thuill a bh ’air a’ bhalla chum làdach chinnteach a losgadh air a phàirtidh a bha dlùthachadh riu, agus cha b’ ann gus an robh an t-iarunn-leagta ga tharuinn thuige a dh’aithnich Loch-Iall gu ’m b’ e am Prionns agus a chàirdean féin a bha tighinn! Air ball chaidh Loch-Iall ’an coinneamh na pàirtidh agus air dha fàilte shuilbhear a chuir air a’ Phrionns’ chaidh iad gu léir a staigh do’n bhothan. Ged nach robh am bothan so ro mhòr, no rimheach, bha e fada bho bhi na thalla dòlum: bha gu leòir a staigh ann de mhuilt-fheoil ùr a’s shàilt, de dh’ìm, de chàise, de dh’ aran agus do dh’uisge-beatha. Cho luath sa rinn Tearlach suidhe dh’ iarr e cuach a lionadh de dhriùchd Béinn-Altair, air dha a sin fhaotainn dh’òl e air stàinte na cuideachda “bho bhala gu balla.” Air do ’n phàirti an dìnnear a ghabhail, thuirt Tearlach:—“Tha mi mis’ a dhaoin’-uaisle a cheart cho sona ri Prionnsa.” Dh’ fharraid e’n sin do Loch-Iall, “an robh e beò cho sòghar sud bho latha Chuil-Fhodair:” Thuirt Loch-Iaill:—“Bha mi fhìn agus mo chairid Cluainidh dìreach mar tha sibh a’ faicinn bho ’n uair sin, gu ’n a bhi car ni’s bu mhiosa na so, agus buidheachas do nèimh a luthaig do bhur mòrachd riòghail-sa’ tighinn a nise ghabhail pàirt dheth na th’againn.” ’Nuair a ràinig Cluainidh Acha-na-Garaidh, agus gun am Prionns’ a bhi air a chinn, phill e air ais air ball do Bhàideanach; agus rainig e Meall-an-Iubhair dà latha an deigh a’ Phrionns’. ’Nuair a chaidh e steach do ’n bhothan agus a chunnaic Tearlach e rinn e iathadh ’na ghlacan agus phòg se e; “B’oil leam,” ars esan, “a Chluainidh nach robh thu féin agus do chuid Pearsonach linn latha Chuil-Fhodair; ’s ann bho cheann ghoirid a chuala mi gu ’n robh thu cho faisg oirnn an latha sin.” Mu ’n àm sin thuig Cluainidh gu ’n robh am Prionnsa na lùim a chin aineirt-cneis, cha robh aon leine ghlan no shalach aige ach aon droch giobal de dh’anard garbh a bha m’a dhruim, do noch do bhun boine uisge, ach na bha drùdhadh air de dhìl’ an adhair, o cheann chùig seachduinnean. Uime sin thug e air a thriùir pheathraichean tòiseachadh air léintean a dheanamh do thearlach, ni nach robh iad leisg air a dheanamh. Air madainn an latha bha leine bho gach tè de na mnathan uaisle so ann am bothan Mheall-an-Iubhair. Air an lathairne-mhàireach, mheasadh iomchaidh Meall-an-Iubhair fhàgail, uime sin ghluais iad gu achadh àiridh Uisge-chill-rath, an deigh dhaibh trì òidhche chur seachad anns a’ bothan àiridh air an achadh so, a bha ro neo-sheasgair agus ceòthach; chaidh iad iomraich a rithist gu taigh diona a thog Cluainidh gu ro innleachdach ann an Leitir-na-Lic, ma astar dà mhìle na’s faide suas ann an Beinn-Altair. Bha ’m bothan so air a dheanamh a meas gharbhlach chlach a’s chràmsgas chraobh, ann an aodann beinn’ ard chas; bha eair iathadh le dìg’ air a bhial-thaobh, agus le creag ard liath air a chùl-thaobh. Bha àit’ air a dheanamh do ’n cheò a mach ri aodainn na creige, so: agus do bhri gu ’n robh an ceò agus a chreag air an aon tuar, ’nuair a sgaoileadh, no dhìreadh e ri aodainn na creige, mar thuirt m’ fhear sgeoil riumsa, “cha dh’ fhuair duine sùil ’na chlaigeann a chuireadh eadar-dhealachadh eadar e-féin sa’ chreag. Thug na h-uaislean an “sìth-bhruth” mar ainm air an taigh-dhiona so, agus gu deimhin bu mhath an t-ainm air e, oir cha b’ urrainn do ’n na siochraichean a bhi ni bu shàbhailte nam bruth féin na luchd-còmhnaidh an talla so!” Bha ’n sìth-bhruth cho farsuinn is gu ’n robh rùm math ann do shianar no sheachdnar. Bu tric a bhiodh ceithrear dhiu so ’g iomairt air chairtean agus an triùir eile ri fearas-taighe; fear a fuine, fear a tuinndadh nam bonach ris an lic, agus fear eile ri cumail freiceadain ma bhraighe na beinne. Fa-dheòigh air an t-siadhamh latha AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 303] [Vol. 9. No. 39. p. 7] de Mhìos mheadhonach an fhoghair, thainig dà long-chogaidh Fhràngach a steach do Loch-nan-Uamh da’m b’ainm L’ Hereuz agus La Princessi, a chum am Prionns’ aiseag do ’n Fhràing. Chuir iad so air tìr dithis dhaoin’ uaisle Caiptin Seiridan agus Mr O’ Breine, los am Prionnsa’ fhaotainn a mach: chaidh iad air a’ chiad tarainn far an robh Fear-Ghlinn-Aladail. Air ball chaidh Fear-Ghlinn-Aladail do dh’ Acha-na-Garaidh far an dh’ fhàg e Tearlach, thaobh nach robh fios aige gu ’n d’fhalbh e as an sin do Bhàideanach.—Faodaidh sinn a nis a smaointeach gu ’n robh Fear Ghlinn-Aladail ann am mòr chàmpar ’nuair a fhuair e ’m bothan anns an d’fhag e Tearlach air a losgadh sìos gu làr leis na saighdearan dearga, gun fhios sam bith aige c’àit’ an rachadh e dha iarraidh féin. Bha Fear-Ghlinn-Aladail a nis’ ann an an imcheist mhòir, a dol an null ’sa’ nall, ag iarraidh Thearlaich air seacharan, agus mar a faigheadh se e ann an ùin’ ghearr, bha’n luingeas gu seòladh dhathaigh as aonais, mar rinn an dà long a thainig am meadhon an t-sàmhraidh do Loch-Iù. Bha Fear Ghlinn-Aladail a falbh air alaban mar so fad thrì latha, gus fa-dheòigh gu ’n thachair e tri seanna bhean a dh’innis dha gu ’n d’ fhalbh am Prionns’ a crìochan Loch-Iall gu tur, agus gu ’n robh e nise an Bàideanach còladh ri Cluainidh. Gun tuile dàlach chuir e Iain Mac-Coilbhinn, a chaidh air an turas roimhe so, le fios do Bhàideanach gu ’n tainig an luingeas; an deigh sin phill Fear-Ghlinn-Aladail gun stad a dh’ innse do na h-uaislean Fràngach gu ’m biodh am Prionnsa còladh riu ann am beagan ùine. Air an t-slighe do Bhàideanach thachair Cluainidh agus Mac-Coilbhinn ri chéile; chuir Mac Coilbhinn an céill a theachdaireachd. Phill Cluainidh air ais gun stad a dh’innse sgeul an àigh do Thearlach. Air do ’n Phrionns’ an naigheachd so a chluinntinn, air ball theirinn e-féin ’s na h-uaislean le bruthach, agus bha iad air madainn an t-seadhamh latha diag ann an Acha na-Garaidh, far an d’fhuair iad caisteal Mhic-Dhòil-Duibh air a losgadh gu làr, lè pàirtidh dheth an àrm dhearg a a thainig a nuas a Cille-Chuimean, co dhiù leag iad an aineal ann an sin gus na chrom a ghrian. ’Nuair a chiaraich an òidhche dh’ fhàg iad Acha-na-Garaidh, agus bha iad ma dha uair sa’ mhadainn ann an Gleann-Camaghair aig ceann Loch-Arcaig. Spad iad bò ann an so, agus rinn iad an suipeir air aran coirce a’s feòil a’s slige no dha an fhir de dh’ uisge-beatha, Ma bhial an latha air an ochdamh latha diag dh’fhag iad Gleann-Camaghair, agus bha iad ma choinneamh an luingeis aig ceann Loch-nan-Uamh air an ochdamh latha diag de mhìos mheadhonach an fhoghair. Ghabh Cluainidh agus Fear-Bhracachaidh an cead do Thearlach agus do Loch-Iall ann an so, agus phill iad air an ais do Bhàideanach: bu roghnaiche leo fantuinn fo thuinn n’ an dùthaich féin no dhol a dh’ iarraidh fasgaith ann an tìr choigreich anns nach robh iad cinnteach ri gabhail riu ’nuair a ruigeadh iad. Air feasger an naoidheamh latha diag, chaidh am Prionns’ agus na h-uaislean so air bòrd na L’Hereuz:—Loch-Iall, Tighearn òg Chlainn-Raonaill’, Fear Ghlinn-Aladail, Dòmhnullach Dhail-a-leith agus a dhà bhrathair, Iain Ruadh Stiùbhart Chinne-Chardainn, agus an t-Olla Cam-Shron bràthair Loch-Iall. Ghlac iad Colla Bàn Bharasdail, agus thug iad leo e na phrìosanach do ’n Fhràing, a thaobh gu ’n cual iad gu ’m bu ghnà leis a bhi sgrìobhadh litrichean brathaidh a dh’ionnsaidh Dhiùc Uilleam do Chille-Chuimein! Chùm Tearlach an luingeas fad thrì latha ann an Loch-nan-Uamh an deigh dha féin agus do na h-uaislean a dh’ ainmaich mi dhol air bòrd, a chum gu ’m biodh ùin’ aig a’ chuid eile de na Gàeil a bha na ’m fògaraich air feadh nan Gàrbh-chrioch cruinneachadh a dhionnsaidh an luingeis, a chum Breatunn fhàgail mar an ceudna. Uime sin cha bu lugha na trì fichead duin’-uasal agus cùig fichead sa’ seachd de’n tuath-cheathairn a ghabh an t-aiseag do’n Fhràing maille ri Tearlach. Sheòl iad air an treas latha fichead de mhìos mheadhonach an fhoghair. Bha mhuinntir a chunnaic iad ag aithris, gu ’m faichte na deòir a’ tearnadh bho shùilean gach uasail a’s iosail, mar bha’n luingeas a’ seòladh o thìr, agus iadsan a’ ghabhail an cead do bheanntaichean corrach Alba, ged a bha iad gu léir an dòchas pilleadh air an ais ann an ùin’ ghearr—“Le pannal ghruagach a luaigheadh an clò ruadh gu daigheann.” (A’ chrioch.) Tha an Stor Mhor Innsridh a tairgsinn .500 Brat-leapach. air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeil Alaska Feather & Down Co. Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air $1.50 Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais. GORDON & KEITH, SIDNI, C. B. A. T. GRANT, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 304] [Vol. 9. No. 39. p. 8] Cumha do Chlann Baillidh Thireadh. LE GILLEASBUIG MAC-PHAIL. Fonn:—Mort Ghlinne-Comhann. ’N Aird-nan-Cros tha ’n sgeul tùrsach, ’S tha sin bitheant ’tigh’nn ùr ann an dràsd. Fhad ’s a mhaireadh na daoine Thig fiosrachadh daonnan mu ’m bàs, Gus na thainig iad uile Ach an t-aon tha ’sa chunnart ’n robh càch. Is gu ’n còmhnadh Mac Dé leis Gach aon rathad a théid e gu bràth. Gu ’m b’ iad sin na fir smearail, ’Bha gu foghainteach, fearail, neo-chrion, ’Bha gu misneachail, dàna, Is nach tilleadh roimh namhaid gun sìth. Gur h-e ghiorraich bhur làithean Cho ro dhìleas ’s a bha sibh do ’n rìgh, ’S àird’ ur beachd an àm cruadail, ’Chuir cho tric ur luchd-fuath’ air ur tì. Bu laoch calm’ thu, ’Ghilleasbuig, An am cruadail ’s tu ’sheasadh ri feum; Is aig Admiral Nelson Gu ’n robh moran de mheas ort thar cheud. Dhearbh thu cuid dhe do ghaisge Nuair a chuir thu suas batraidh leat féin, ’S tu ri giulan a t’ achlais Lòid a chuireadh fo shac a dha dheug. De na gunnaichean móran Bha thu tarruinn na dh’ fhóghnadh gu tìr, ’Dìreadh chreagachan àrda, ’S tu cur romhad gach nàmh thoirt fo chìs. Nuair a chuir thu na ’n àit iad, Is gach ni mar a b’ àill le luchd-strì, Chuir sibh séisd ris a bhaile, ’S dh’ fheum e géilleadh gu h-ealamh le ’r gniomh. Nuair bha crioch air a chumasg Is a fhuair sibh gach duine fo ghéill, Ghabh thu dh’ ionnsuidh do luinge, ’S gu ’n do chuir thu ’mach fuil air do bheul. Leis mar sgàin thu do chridhe, ’S truagh a dh’ fhàg thu do chinneadh ad dhéidh.— Thainig sparrag am inntinn, Is cha ’n urrainn mi inns’ ort beachd-sgeul. C’àit an robh ann an Albainn— Cha bu mhearachd sheanachas ’s e fior— Leithid Dhonnachaidh òig Chaimbeil Na chomanndair an armailt an rìgh, Anns an Spàin a toirt òrdaigh Air gach ni mar bu chòir ’chur an gniomh. ’S e gu ’n leanadh an ruaig orr’, Is nach tilleadh gun fhuathas ri ’linn. Ghabh do naimhdean sar bheachd ort Ann an toiseach a bhaiteil ’dol sios; Bha iad faireil sgad chuallach Mar gu ’m bitheadh ann buachaille dion’; Ghabh iad cothrom gu h-uaigneach Air tighinn mu ’n cuairt dhuit a rìsd. Le neart fùdair is luaidhe Gu ’n do rinn iad do bhualadh fo ’n chìch. Thuit thu ’n sin, ’s gu ’m b’e ’n diubhail, Bha na Gaidheil gu tùrsach ad dhéidh; ’S fad’ a chluinnt’ iad a gàirich, ’S iad mar uain ’bhiodh gun mhàthair air threud. Aca fein a bha ’n riasan, Chaill iad urraim gu ’n tiarnadh bho bheud; Dha ’n robh comhairle ’s riaghailt, Moran tuigse ’s deagh chiall air a reir. Thuit thus’ Alasdair alainn, Ann an cogadh na Spaine le cliu; Bu tu ’n t-og a bha ceutach, Mar mhac-samhailt do ’n ghrein bha do ghnuis. Cha do sheall ann an aodann Aon nach dugadh dhuit gaol, is gu ’m b’ fhiu; Fear do ghiulain ’s do nadair C’ait an robh ann san àite bho thus. ’S beag an t-ionghnadh do mhàthair A bhi eisleineach, cràiteach, gun neart; Fhuair i riasan no dha air, Ged a thigeadh a gàbhadh mu seach. Ach cuid mhor dheth thigh’nn còmhla, Dh’ fhàg sin ise gun treoir, air bheag math; ’Nis cha dean i car eibhinn Mur a gluais i air eiginn le bat’. Tha do mhuime bochd, cianail, Gur tric snighe nan diar air a gruaidh, ’Caoidh an ailleagain chiataich ’Bha i ’g altrum tri bliadhna le uaill. Dh’ fhalbh a h-aighear ’s a sòlas, Is ’nan àit thainig bròn is droch shnuadh; Bidh a cridhe dheth cràiteach, Gus an deanar a càradh ’san uaigh. Gu bheil t’ oide gu deurach, ’S beag an t-ionghnadh dha féin a bhi ann, ’S a chul-taic’ an déidh ’fhagail Nuair a thigeadh air càs a bhiodh teann. ’S tu gu ’n dugadh a nuas e, Dh’ aindheoin ìslean is uaislean ’bhiodh ann; Ach cha dean thu sin tuilleadh; Dhuinne ’s brònach bha cumasg nan lann. Dh’ fhalbh na fiurain dheas òg’ ud, ’S cha dean mise ’n toirt beò le mo chainnt; ’Chneidh a’s uire ’s i ’s cràitich’, Dh’ fhalbh am flur bharr a ghàraidh na dheann. ’Chraobh bhios tric air a rùsgadh Theid a cnodhan no h-ùbhlan air chall; Gur h-e crionadh a’s dù dhi, Cha dig snothaichean ùr oirr’ ach mall. ’S ionnan sin ’s mar tha ’m Bàillidh, ’N déidh a lomadh ’sa chràmh air gach taobh; Aig an rioghachd bha màl air, ’S gu ’n do rinn e a phàigheadh gu daor. Cha ’n e airgiod no airneis A thoirt seachad a dh’ fhàg e lan ghaoid, Ach na gaisgich ùr, aluinn ’Thuit an cogadh a chràidh air an taobh. Buidheann mo Chridhe Clann-Ualraig. Oran le te a mhuinntir Lochabair d’a leannan, Fear Achaluachrach. LUINNEAG. Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig; Bheireadh iad suas na h-iomainean. Bheireadh iad crodh dhe na buailtean ’S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh. ’S olc a fhuair sinn crodh nam baran, Bodaich bheag’ nam briogais gheala; Cha b’ iad a b’ urrainn air an fhalachd, Ach fir Strath-Eireann ’s Strath-Narrainn. ’S olc a fhuair sinn crodh nan Ròsach, Is Clann-Chatain air an tòrachd, Baran liath na coise breoite; ’S air mo dhaoine s’ rinn iad feolach. ’S a Chrò-chlach am Braigh Srath-Eireann, Oidhche dhorch’ air nach bu leir dhaibh, ’Cur nan saighdean ait a cheile, Thuit mo leannan ’s deich fir threuna. Nuair a shaoil leam ’bhi gu uasal Am bhean-taighe Achaluachrach, ’S ann a tha mi gu bochd, suarach ’Bleoghann a chruidh ’feadh a bhuachair. Chaidh Fear Achaluachrach a thogail creiche bho na Ròsaich mu ’n bhliadhna 1670. Thug e leis a chreach, ach chaidh buidheann de Chlann-an-Tòisich na ’dhéidh. Mharbh iad e agus thug iad an crodh air ais a chum nan Ròsach. Bha Iain Beag Mac-Anndra maille ris na Tòisich. Is e a thilg an t-saighead leis an do thuit Fear Achaluachrach. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar tha do Shuilean? Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagairt ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 305] [Vol. 9. No. 40. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 5, 1901. No. 40. Litir a Alba. Bodachan a’ ghàraidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a’ ghàraidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA:—Feumaidh mi aideachadh gu saor, soilleir nach ’eil mi toilichte dhiom fhin a chionn nach robh mi ’toirt oidhirp air sgrìobag a chur ugad an dràsta ’sa rithist. A réir mar a tha mi ’tuigsinn o chuid de na briathran a tha mi ’leughadh anns a’ MHAC-TALLA o àm gu àm, tha àireamh dhe do luchd-leughaidh mar an ceudna mi-thoilichte dhiom a chionn nach ’eil mi ’sgriobhadh ugad. Ach nam biodh fhios acasan air na bheil fhios agamsa, cha chuireadh e ioghnadh sam orra gu ’m bheil mi cho ainneamh a’ sgriobhadh ugad. Ma bhios iad fada beò is docha gu ’n tuig iad air aon dòigh no dòigh eile c’ar son nach ’eil mi ’sgriòbhadh ugad na’s trice na tha mi ’deanamh. Faodaidh mi le fìrinn a ràdh nach ’eil mo pheann a’ meirgeadh ’na thamh idir. Cha ’n ’eil a h-aon dhe mo sheòrsa ann an Gàidhealtachd na h-Alba, ged is mòr am facal e, a tha ’sgriobhadh uiread rium eadar da cheann na bliadhna. Agus mar a tha’n seanfhacal ag radh, “Ge math an cu [?] Cha fhreagair e thall ’s a bhos.” Ach tha mi suidhichte gu ’n cuir mi litir ’s a’ mhios ugad gus an d’thig deireadh na bliadhna, sin ri ràdh, ma bhios mi beò, agus air chomas sgriobhadh a dheanamh. O’n a tha mi nis ’nam sheann duine bu choltach dhomh gu ’m biodh tomhas riaghailteach agam de dh’ eòlas air iomadach rud air am bheil òigridh na dùthchadh aineolach gu nàdarra. Air an aobhar sin tha mi ’cur romham gu ’n toir mi comhairle no dhà air aon is aon dhe ’n mhuinntir oig, agus ma dh’ fhaoidteadh, air cuid de ’n t-seana mhuinntir. Cha ’n ’eil amadain sam bith cho amaideach ris na seann amadain. Tha seanfhacal ann a tha ’g radh: “An car a bhios ’s an t-seana mhaide is deacair a thoirt as.” Ach ged a tha so fior, bheir mise mo chomhairle orra, gabhadh iad i, no fàgadh iad i. A nis, innsidh mi dhut mar a tha mi ’cur romham a dheanamh: Bidh na litrichean air an ainmeachadh air a’ mhuinntir a dh’ ionnsuidh am bheil mi gus an cur. Ach cuiridh tusa anns a’ MHAC-TALLA iad direach anns na ceart bhriathran anns am bheil mise ’gan sgrìobhadh. So agad, ma ta, ainm na ceud litreach a tha mi gus a chur ugad: “Facal no dha do chuid de ghillean oga na duthchadh.” A nis, tuigidh bu fhein, agus do luchd-leughaidh mar an ceudna, nach ’eil eòlas sam bith agamsa air na gillean òga a tha agaibh ann an America. Ach tha car de dh’ amhrus agam gu ’m bheil fear is fear ’nam measg a dh’ fheumadh beagan comhairleachaidh, mar a dh’ fheumas cuid dhe na gillean òga a tha ’n taobh so de ’n chuan. Gheibhtear gillean òga, gòrach, cosgail anns gach dùthaich. Cha’n ’eil America falamh dhiubh. Tha mi ’cur na ceud litreach g’ad ionnsuidh an diugh. Cuiridh tu anns a’ phaipear i cho luath ’s a gheibh thu an t-àm freagarrach. Ma chluinneas tu gu ’m bi fear sam bith dhe na gillean òga a tha taobh thall dhe ’n chuan diumbach dhiom, cha’n ’eil agad ach fios a leigeadh g’am ionnsuidh. Is mi do charaid BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, 9, 3, ’01. O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XVIII. “IS MARBH FEAR NA H-EISEAMAIL.” AN uair a bhios cogais an duine ag innseadh dha gu ’n d’ rinn e nithean nach bu chòir dha ’dheanamh, tha, mar is trice, de thùr agus de ghliocas ann na bheir air a thuigsinn gur fhearr dha cluas bhodhar a chumail ris gach fathunn agus monabur a bhios ann am beul an t-sluaigh na tòiseachadh ri ’bhreugnachadh. Thug so air a’ mhaor agus air a chàirdean gu léir nach robh iad gu follaiseach a’ leigeadh orra gu ’n robh droch bharail sam bith aig àireamh mhòr de shluagh na dùthchadh air an dòigh anns an robh e ’cur an gniomh an dleasdanais a bha air earbsadh ris mar sheirbhiseach do’n Uachdaran. B’e so an dòigh bu ghlice a b’ urrainn daibh a ghnàthachadh gus na naigheachdan a bha am measg an t-sluaigh a chur bàs. Agus faodar a ràdh gu ’n deachaidh an gnothach leotha na b’ fhearr na bha iad fhein an toiseach an dùil. Aig a’ cheart àm bha am maor agus a theaghlach mòran na b’ aoidheile ’s na bu chaoimhneile ris a h-uile neach a thachradh riutha, no a rachadh thun an taighe aca, na bha iad riamh roimhe. Thug so air iomadh neach aig nach robh meas sam bith orra roimhe sid a bhith gu tric a’ smaointean agus ag radh ’nam measg fhein gu ’m feumadh gu ’n robh iad na b’ fhearr nàdar na bha daoine a’ cur as an leith. Bha fhios aig na h-uile gur e math a dheanamh an aghaidh an uilc rud cho doirbh a dheanamh, ach glé ainneamh, ’s a tha Dia ag àithneadh dhaibh. Agus feumar a radh gur ainneamh àite anns an tachair duine ruinn a bhios deas aig gach àm gu math a dheanamh an aghaidh an uilc. A bharrachd air so, dh’ fhàs am maor agus a theaghlach anabarrach cràbhach. Bhiodh iad anns an eaglais a h-uile Latha Sàbaid le cinn chroma, agus le aghaidhean fada, gruamach, agus a reir choltais ’nan luchd-aoraidh cho dùrachadh agus cho stòlda ’nan inntinn ri daoine a b’ urrainnear fhaicinn ann an àite sam bith. Aig an àm ud, mar air an latha ’n diugh, b’ iad na daoine a bhiodh a’ giùlan cleòca na diadhachd bu mhò air an robh de mheas aig cuid mhòr dhe ’n t-sluagh na na daoine anns an robh fior spiorad na diadhachd. Agus cha b’e mhàin gu’n robh mòran dhe ’n t-sluagh gu buileach air am mealladh leis a’ choltas chràbhach, ghruamach a bhiodh air a’ mhaor agus air a theaghlach anns an eaglais gach Sàbaid, ach bha am ministear fhein air a mhealladh. Bu duine e a bha anabarrach saor o dhroch amhrus. Agus ged a chuala e iomadh rud mu dheidhinn a’ mhaoir agus a theaghlaich nach robh a’ tighinn a réir ceartais agus fìrinn, cha robh e ’toirt geill no creideis dhaibh. Mar a theireadh e gu tric ris gach neach a rachadh g’a ionnsuidh le naigheachdan tuaileasach, “Cha dearbhadh air duine amhrus.” Aig toiseach an fhoghair gach bliadhna, bha ’n t-Uachdaran agus a bhean a’ tighinn do ’n dùthaich a shealg agus a chur seachad greis dhe ’n ùine. Bhiodh iad le chéile, agus mar an ceudna àireamh mhath dhe na seirbhisich ’s dhe na searbhantan a bh’ aca, a’ dol gu riaghailteach do ’n eaglais gach latha Sabaid; oir bha tomhas mòr de spiorad na fior dhiadhachd annta. Bha iad gu nàdarra a’ gabhail beachd air cò a bhiodh anns an eaglais, agus cò nach bitheadh. Agus an uair a thug iad an aire gu ’n robh an suidheachan anns am biodh am maor agus a theaghlach ’nan suidhe an comhnuidh gu math làn, cha robh teaghlach cho saor o euceart agus o chealgaireachd ri aon teaghlach a gheibhteadh air an oighreachd gu leir. Ged a theirteadh a chaochladh so riutha, cha chreideadh iad o dhuine sam bith e. Air an fhoghar ud gu sònraichte, bha am maor agus a theaghlach na bu fhritheiltiche na b’ abhaist dhaibh anns an eaglais. Agus shaoileadh duine sam bith aig nach robh eòlas air an caitheamh beatha agus an giùlan nach robh na b’ iomchuidhe, na bu treibhdhiriche, na bu mheasaile, agus na bu chliùitiche na iad anns an dùthaich gu léir. Rud nach b’abhaist dhi a dheanamh, thaghail bean an Uachdarain orra gu math tric fhad ’s a bha i anns an dùthaich. Chòrd an dòighean agus an coltas rithe glé mhath. Bha iad uile láidir, fallain, dreachar; agus mar a bha nàdarra gu leòr dhaibh, thug iad uile urram agus modh dhi ris nach robh duil sam bith aice. Bha i ’gan ceasnachadh mu thimchioll staid nan daoine bochda, agus thug na freagairtean a fhuair i oirre a bhith lan chreidsinn nach robh teaghlach eile anns an dùthaich a bheireadh barr orra ann an iochd, ann an caoimhneas, agus an truacantas. Chuir i roimpe gu ’n cuireadh i dhachaidh aig toiseach an ath gheamhraidh barrachd aodaichean laidhe agus eirigh air na b’abhaist dhi. Thug an sluagh an aire gu ’n robh bean an Uachdarain a’ taghal gu math tric ann an taigh a’ mhaoir air an fhoghar ud, agus thug sin orra nach robh iad cho deas gus a bhith ’faotainn beum do’n mhaor agus dh’ a theaghlach. Bha toil aca, mar a bha nàdarra gu leòr dhaibh, a bhith staigh air an Uachdaran, agus thuig iad gu math gu ’m b’e an gliocas a bhith staigh air a’ mhaor. Bha fhios aca glé mhath nam biodh iad a staigh air a’ mhaor gu ’m biodh iad a staigh air a’ Bhaillidh, agus nam biodh iad a staigh air a’ Bhaillidh gu’m biodh iad a staigh air an Uachdaran. Aig toiseach a’ cheart shamhraidh ud fhein dh’ fhosgladh a’ bhùth do Thearlach Ruadh. Mar a dh’ ainmicheadh mar tha, bha Tearlach agus te de [TD 306] [Vol. 9. No. 40. p. 2] nigheanan a’ mhaoir an dùil pòsadh mu ’n teirgeadh a’ bhliadhna, agus mu’n rachadh am pòsadh air aghart, bha toil aig a’ mhaor ’s aig a theaghlach gu ’m biodh Tearlach ’na mharsanta mòr, ainmeil. Ged a bha bean an Uachdarain ’na boirionnach iochdar, còir, fialaidh, bha i anabarraeh deidheil air naigheachdan. Cha ’n ’eil an so ach galair a bha agus a tha, air iomadh té dhe ’seorsa. Cha ’n ’eil anns an t-saoghal na ’s déidheile air smodal de naigheachdan faoine, agus air fothall, na cuid de na mnathan uaisle. O nach ’eil mòran eile aca ri dheanamh, cha bhi an inntinnean riaraichte mur bi iad, mar a bha muinntir baile na h-Aithne o shean, a’ cluinntinn agus ag innseadh naigheachdan. Ach feumar aideachadh nach robh tlachd sam bith aig bean an Uachdarain do naigheachdan faoine agus mi-iomchuidh. B’ iad na naigheachdan a b’ fhearr leatha chluinntinn, naigheachdan mu dheidhinn cor agus suidheachadh an t-sluaigh a bha air an oighreachd. Chual’ i gu ’n d’ fhosgail Tearlach Ruadh bùth mhòr, agus bha i ro thoilichte, araon a chionn gu ’m bu mhath leatha an tuath fhaicinn a’ soirbheachadh, agus mar an ceudna a chionn gu ’n robh amhrus aice gu ’n robh na marsantan-paca a bha aig an àm ud cho lionmhor, a’ reic a’ bhathair anabarrach daor ris an t-sluagh, agus a’ toirt moran airgid air falbh as an dùthaich. Gus misneach a thoirt do Thearlach ann an toiseach a thòisich chaidh i do’n bhùthaidh aige, agus cheannaich i faisge air fiach chòig puinnd Shasunnnach uaithe. Ma bha meud-mhòr ann an Tearlach roimhe sid, bha mòran a bharrachd ann an déigh na cheannaich bean an Uachdarain uaithe. Agus mu dheidhinn na bha de mhoit air a mhathair, cha ghabh e innseadh. Is gann gu ’m b’ urrainn i iomradh a thoirt air rud sam bith eile ach air a’ chomhradh thaitneach a bha eadar Tearlach is bean an Uachdarain an àm dhi a bhith ’ceannach a’ bhathair uaithe. Cha b’ ann air teaghlach a’ mhaoir bu lugha a bha de mhoit. Thuig iad gu math gu ’n cuireadh a’ cheannachd a rinn bean an Uachdarain mòran a staigh ri Tearlach; agus b’ fhior dhaibh sid. Na daoine a bha roimhe sid glé shuarach mu Thearlach, dh’ fhàs iad measail air, a chionn gu ’n robh e, a réir choltais, air thuar a bhith ’na dhuine beairteach. Is e so dòigh an t-saoghail mar is trice. Ma bhios cuid mhath de mhaoin an t-saoghail so aig daoine, bidh meas gu leòr orra. Ciod sam bith cho measail ’s cho cliùiteach ’s cho maiseach ’s a bhios daoine ’nan caitheamh beatha ’s nan giùlan, cha bhi uiread a dh’ urram aca o shluagh an t-saoghail ’s a bhiodh aca nam biodh pailteas de dh’ airgiod ’s de dh’ òr aca. Tha òr is airgiod feumail ’nan àite fhein, ach cha ’n ’eil iad ri ’n coimeas ri fìrinn ’s ri onair ’s ri ceartais ’s ri fiorghlaine. Tha iomadh ni glé mheasail am measg dhaoine nach ’eil measail ann an sealladh Dhe. Ge b’ e leis an aill a bhith sona aig uair a bhàis, agus fad uile linntean na bith-bhuantachd, seachnadh e gach uile choslas uilc, agus dlùth-leanadh e ris an ni a tha math. (Ri leantuinn.) “Co a phòs thu?’ ars am fear-ceartais ri duine dubh, a bha air a thoirt fa chomhair air aimhreit teaghlaich. “Phòs sibh féin,” ars an duine dubh, “agus cha d’ thug mi mathanas riamh dhiubh air son a dheanamh.” Luchairt na Druidheachd. SGEUL BREATUNNACH. THA e dluth air meadhon-oidhche, an uair a tha gach fior chriosdaidh na chadal seimh air a’ chluasaig mhìn, agus na paisdean a bruadar mu na sithichean matha. Chi iad na daoine beaga a dannsadh gu mireagach fo dhuilleach uaine nan craobh, agus a ghealach a sealltuinn gu mìog-shuileach orra bho ’n speur. Tha ’n cù-seilge luath ’na shuain aig taobh an teintein, o ’m bheil solus deireannach na griosaich a tilgeadh lannair critheanaich air cathair liomhte fear an tighe. Is buidheach, sàmhach gach duil beò anns a’ chlachan, ach aon a’ mhàin. ’S e so Hervé, an t-iasgair. Bha esan ’na òigear mi-thoilichte, glòir-mhiannach. Ghabh e farmad ri sonas agus beairteas chàich. Bu mhiann leis bhi ’na duine saibhir, a chum ’s gu ’m biodh falluinn sioda deirg aige, agus gu’n deanadh na daoine bochda ùmhlachd dha an uair a rachadh e seachad. Agus a nis, an uair a tha muinntir a’ chlachain aig fois air an leapaichean, agus air an dion o gach olc le ainglibh néimh, tha ’n t-iasgair a spaidsearachd air ais agus air aghart air an traigh, aig cois nan muraichean aonarach, le iomadh miann agus togradh ’na chridhe, ’s iad cho lionmhor ri nid nam faoileannan am measg nan creag air oir na fairge. Thainig osnaich nan tonn gu brònach o’n àird an iar; bu choltach fuaim na gaoithe ri feadaireachd iosail an gaidsear air an traigh, ach dh’ imich Hervé gun sgur. Chum e a shuil air a’ bheinn uaignich, agus thainig ’na chuimhne a rithisd na h-uile ni a dh’ innis an sean deirceach glic dha an uiridh. A nise bha fios aig an t-seana-bhodach so air iomadh ni a thachair fo’n ghréin, linntean roimh so, an uair a bha na daraichean a ’s sine againne fhathasd ’n am fiùrain mhaotha, agus an uair nach robh na h-iolairean a’s sine fhathasd guirte. A nise, thubhairt am bodach ris gu ’n robh baile mòr sluaghmhor, o chionn mòran linntean, anns an àite far nach ’eil an diugh ach mùraichean a sineadh fad us farsuing. Sheòl cabhlaichean a’ bhaile mhòir so gu ceàrnan iomallaich a chuain, agus thainig iad air an ais, luchdaichte le bathar luachmhor de gach seòrsa. A thuilleadh air sin, bha aig riaghladair a’ bhaile slatag challtuinn an aite slait-rioghail, agus, tre dhruidheachd na slataig so, b’ urrainn dha gach ni chur fo gheasaibh a reir a mhiann. Ach bha an righ agus an sluagh cho olc, aingidh ’s gu’n do chlaoidh iad mu dheireadh fad-fhulangas Dé, agus aon là, gun rabhadh sam bith, dh’ eirich gainmhich na trasgad mar thonnan goileach na mara agus shluig iad am baile suas gu buileach maille ri gach creutair beò a bha an taobh a staigh dheth. Ach a reir seanachas a’ bhodaich ghlic, air oidhche Shàmhna de gach bliadhna, aig a cheud bheum meadhon-oidhche a ni an clag an tùr na h-eaglais, fosglaidh clais an aodann na beinne, agus is urrainn do neach air bith dhol air an t-slighe dhorcha gu ruig lùchairt an righ. Anns an talla ni ’s fhaide as de ’n lùchairt gheibhear slatag na druidheachd, ach a chum ruigsinn oirre, is eigin ghreasadh, oir, cho luath ’s a sguireas fuaim a’ bheuma dheireannaich, duinear an sgoltadh le cùmhachd neo-aithnichte eigin, agus cha ’n fhòsgail e a rithisd re bliadhn’ eile. Chum Hervé an sgeul so ’na chuimhne, agus b’ ann air an aobhar sin a bha e air an tràigh cho anamoch air oidhche Shamhna. Mu dheireadh, ghliong an clag an tùr na h-eaglais, agus ’s an àm cheudna chrith Hervé le eagal. Thog e a shuil agus, ri soillse chrith-bhoillsgeach nan rionnagan, chunnaic e sgoltadh mòr an aodann na beinne ’s e fàs farsuing uigh air n-uigh, mar pheirceall dragoin air a dhusgadh o shuain. An sin ruith e gu dana air an t slighe sgoilte, a bha nis air a soillseachadh gu mac-meamnach le teine-sionnachain agus coinnle-bianain, agus mu dheireadh ràinig e lùchairt mhòr an righ. Chaidh e a steach gu luath do’n cheud seòmair agus fhuair e an sin iomadh cìste iaruinn, cho làn de dh’ airgead ’s a tha ùbh làn bidh; ach cha ’n fhòghnadh an t-airgead dha agus mar sin ghabh e air aghart. Anns an dara seòmair bha cìsteachan umha gun àireamh agus iad air an lionadh le h-òr. Ghabh an t-iasgair iongantas mòr, ach bu mhiann leis tuilleadh na sin agus ghabh e seachad. ’Nuair dh’inntir e anns an treas talla, sheirm an seachdamh beum ’na chluais agus thainig e d’ a ionnsaidh fhein le clisge. Ach anns an talla so bha muillionnan neamhnaid air an càrnadh suas air an làr mar àrbhar anns an sgiobal an deigh deire-buana, agus thubhairt e ris fhein, “Cha ruig mi bhi air chabhaig.” Ach ràinig an t-ochdamh beum air a chluais le fuaim lag thiamhaidh agus chaidh e a mach gu luath. Anns a cheathramh seòmair bha miltean cìste òir agus airgid ’s iad loma-làn daoimeanan; bhoillsg agus dhearrs iad an suilibh an iasgair agus chaidh e ’na cheò. An sin sheirm an clag an naoidheamh uair agus bhuail Hervé air aghaidh gus an d’ ràinig e an talla deireannach. Ach an sin stad e, fo amhluadh us iongantas. Aig ceann eile de’n talla chunnaic e an t-slatag chailltuinn, ’s i an crochadh ri sail os ceann cathair an righ; ach eadar Hervé agus miann a chridhe bha ceud gruagach lurach a mhealladh naomh. Bha iad a seasamh ’n an sreathan agus bha aig gach té dhiubh crùn duilleagach an aon làimh, agus cuach de dh’ fhion anns an laimh eile. Bha Hervé air cur an aghaidh tàladh an airgid agus an oir; ged a chaidh a bhuaireadh gu trom le lannair nan clachan luachmhor agus nan daoimeanan, cha do striochd e. Ach a leithid so de shealladh cha’n fhac’ e riamh roimhe; agus an uair a bheachdaich e air na gruagaichean boidheach so, agus iad a’ sméid air gu miog-shuileach, guanach, ’s ann a théirig a’ mhisneach ’s a chuimhn’ e gu buileach. Thuit fuaim an deicheamh beum’ air a chluasaibh, ach cha d’ thug e fanear; chuala e an t-aona fear deug ’s e toirt rabhaidh uamhasaich dha ach cha do chairich e. Mu dheireadh dh’ ath-fhuaimnich am beum deireannach gu h-eagalach, neònach, air feadh sheòmraichean na lùchairt mar gu ’m b’ ann an tuam. An sin gu h-obann chuimhnich Hervé briathran an t-sean-deircich agus ruith e gu luath thun an doruis ach bha e tuille ’s anamoch—bha ’n dorus duinte gu teann. Bhuail e air le ’dhòrn ach cha robh feum ’s am bith ann an sin. Thionndaidh e, ach an àite ghruagaichean lurach chunnaic e a nise ceud iomhaigh cloiche a seasamh m’a choinneamh. Uigh air n-uigh chaidh an solus as agus thuit tiugh dhorchadas na h-uaighe air lùchairt na druidheachd. Bha e caillte. . . . . . . . . Agus air an là maireach, dh’ eirich a’ ghrian ’n a glòir mar b’ àbhaist, agus bhris na tonnan beaga le fuaim air an tràigh, agus sheinn na h-eòin gu ceòlmhor air barraibh nan geug, oir bu shona iad uile. Ach bha cridheachan brònach, troma anns a’ chlachan ud thall.—W. H. ’sa Highland News. [TD 307] [Vol. 9. No. 40. p. 3] Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. VIII AIR an ath latha thugadh an t-aodach bhar an dithis boirionnach, agus chuireadh umpa na leintean de dhroch aodach a rinneadh dhaibh. Thugadh dhiubh an comhdach a bh’ air an cinn, agus bha am falt mar so sgaoilte sios air an druim. Bha falt air Alcolomb cho briagha ’s a bh’ air an t-saoghal. Bha e ruighinn sios gu a sailean. Anns an doigh so thugadh fa chomhair an t-sluaigh iad. Bha ard-bhreitheamh a’ bhaile agus a chuid maor maille riutha. Thugadh troimh ’n bhaile gu leir iad. Bha fear a’ falbh rompa, agus e an drasta ’s a’ rithist a’ glaodhaich, “So am peanas a tha dligheach do ’m mhuinntir a thairneas orra fhein diumbadh agus corruich ceannard nan creidmheach.” Am feadh ’s a bha iad mar so ag imeachd air aghart troimh shraidean Dhamascuis, le ’n gairdeannan agus le ’n casan ruisgte, agus comhdaichte leis an eideadh neonach so, bha iad a’ feuchainn ris an naire a bha air an gnuis fhalach le am falt. Bha sluagh a’ bhaile gu leir a’ sileadh nan deur gu frasach. Bha na mnathan uaisle gu sonraichte, agus iad ag amharc orra mar chreutairean neo-chiontach. Bha iad gu mor air an lionadh le bron an uair a chunnaic iad cho og agus cho maiseach ’s a bha Alcolomb, agus chluinnteadh iad air astar fada ’glaodhaich gu goirt. Bha ghlaodhaich ghoirt so a toirt air clann a’ bhaile a bhith glaodhaich mar an ceudna, agus a’ cur am barrachd uamhais air sluaigh a’ bhaile. A dh’ aon fhacal, ged a bhiodh an namhaid air tighinn a chur a bhaile ’na theine, cha b’ urrainn am barrachd uamhas a bhith air an t-sluagh. Bha e dluth air an oidhche mu ’n do chuireadh crioch air an t-sealladh mhuladach so. Thugadh air ais iad le cheile do luchairt an righ. O nach robh iad cleachdadh ri bhith falbh cas-ruisgte, bha iad air an claoidh cho mor ’s gu ’n robh iad uine fhada ann an laigse. Ged nach robh righ Haroun Alraschid a’ ceadachadh cuideachadh no comhnadh sam bith a dheanamh leotha, bha leithid de thruas aig banrigh Dhamascuis dhiubh ’nan suidheachadh muladach mi-fhortanach ’s gu ’n do chuir i feadhain dhe na mnathan-coimhideachd a thoirt comhfhurtachd dhaibh, agus le fion is biadh de gach seorsa chum an neartachadh. Dh’ fhalbh iad comhladh, agus an uair a rainig iad, fhuair iad iad le cheile cho lag ’s cho fann ’s gur gann a dheanadh aon ni dhe na chuireadh g’ an ionnsuidh feum sam bith dhaibh. Ach air a shon sin chaidh aca, an deigh dhaibh moran saoithreach a ghabhail riutha, air an toirt as an laigse. Ghrad thug mathair Ghanem buidheachas dhaibh air son a’ chaoimhneis a nochd iad dhi. “Mo bhean mhath,” arsa te dhiubh, “tha ’n amhghair a tha thu fulang a cur dragh mor oirnn, agus chuir ar bana-mhaighstir, banrigh Shiria, a dh’ urram oirnn gu ’n do chuir i an so sinn a fhrithealadh dhuibh. Tha doilghios mor oirre air bhur son, agus tha doilghios air an righ mar an ceudna.” Ghuidh mathair Ghanem air mnathan-coimhideachd na banrigh mile taing a thoirt do ’n bhanrigh ’na h-ainm fhein agus an ainm a h-ighinn Alcolomb. An sin thionndaidh i ris an te dhiubh a labhair rithe, agus thuirt i, “A bhaintighearna, cha d’ innis an righ dhomh c’ar son a dh’ordaich ceannard nan creidmheach a leithid so de dhroch dhiol a dheanamh oirnn. Innis dhuinn, guidheam ort, ciod an t olc dhe ’m bheil sinn ciontach.” “Mo bhean mhath,” fhreagair i, “is e Ganem do mhac is mathair-aobhair do gach mi-fhortan a thainig ort. Cha ’n ’eil e marbh mar a tha thu ’smaointean. Tha e air a chur as a leith gu ’n do ghoid e Fetnah, an aon te a’s maisiche dhe na banoglaich a th’ aig righ Haroun Alraschid, agus an te air am mo air am bheil de ghaol aige. Theich e fhein ann an àm roimh chorruich an righ, agus tha ’n dioghaltas a thoill e air a dheanamh ortsa na aite. Tha ’n saoghal gu leir a’ diteadh an righ air son mar a tha e ’cur a chorruich an geill oirbhse; ach tha eagal air sluaigh an t-saoghail roimhe. Agus tha sibh a’ faicinn nach dana le righ Sinebi fhein cur an aghaidh an orduigh a thug e seachad, air eagal gu’n cuirear bhar a’ chruin e. Cha ’n ’eil e an comas dhuinn dad a dheanamh ruibh ach air truas a nochdadh dhuibh, agus comhairle thoirt oirbh foighidin mhath a bhith agaibh.” “Is aithne dhomh mo mhac,” arsa mathair Ghanem; “thug mi foghlum math dha anns gach doigh, agus gu sonraichte a thaobh na h-urram is coir dha nochdadh do cheannard nan creidmheach. Cha do chuir e an gniomh an cionta a tha air a chur as a leith. Tha mi cinnteach gu’m bheil e neo-chiontach. Ach sguiridh mi de ghearain agus de chaoidh, o ’n is ann air a shonsan a tha mi ’fulang, agus o nach ’eil e marbh. O Ghanem!” ars’ ise, agus i air a lionadh le gradh agus le aoibhneas, “mo mhac gradhach Ganem! am bheil e comasach gu ’m bheil thu fhathast beo? Cha chuir call mo chodach dragh sam bith orm tuilleadh. Agus ciod sam bith cho fada cearr ’s a tha ordugh an righ, tha mi ’toirt mathanas dha, ma ’s e gu ’m bheil mo mhac beo. Cha ’n ’eil a’ cur curaim orm ach mo nighean. Is e na tha i ’fulang a tha ’cur doilghios orm. Ach tha mi creidsinn gu ’m bheil i na h-ighinn cho math ’s gu’n lean i m’ eisimpleir fhin.” Gus a so bha Alcolomb mar gu ’m biodh i gun fhaireachadh, ach an uair a chual i mar a labhair a mathair, thionndaidh i rithe agus chuir i a da laimh m’ a h-amhaich, agus thuirt i, “Leanaidh mi d’ eisimpleir, a mhathair ghradhach, aig gach am, ciod sam bith staid a dh’ ionnsuidh an toir do ghradh do m’ bhrathair thu.” Bha ’mhathair agus an nighean a’ gul gu goirt, agus greim aca air a cheile fad uine mhath. Aig a’ cheart am bha mnathan na banrigh, agus iad fo mhulad, a’ comhairleachadh do mhathair Ghanem agus do Alcolomb beagan de ’n bhiadh a ghabhail. Air an comhairle ghabh iad beagan dheth. O’n a dh’ ordaich Ceannard nan Creidmheach gu’m biodh luchd daimh Ghanem air am maslachadh fa chomhair sluagh a’ bhaile fad thri latha an deigh a cheile anns an t-suidheachadh a dh’ ainmicheadh mar tha, thugadh Alcolomb agus a mathair air feadh shraidean a bhaile mar a rinneadh an latha roimhe sid, agus bha iad ann o mhaduinn gu feasgar. Agus air an lath’ ud agus an latha ’na dheigh, bha atharrachadh mor air cuisean anns a’ bhaile. Cha robh duine ri fhaicinn air sraidean a’ bhaile. Leis mar a chuir an droch diol a rinneadh air Alcolomb agus air a mathair an sluaigh gu corruich cho mor, dhuin na marsantan na buithean, agus cha deachaidh duine dhiubh am mach air na dorsan. Cha do sheall aon te dhe na mnathan uaisle am mach air uinneig. Cha robh duine beag no mor, sean no og, bochd no beairteach ri fhaicinn air sraidean a’ bhaile. Bha am baile gu leir mar nach biodh duine beo a’ fuireach ann. Air a’ cheathramh latha, air do righ Sinebi a bhith runaichte gu ’n tugadh e lan-umhlachd do ’n aithne a fhuair e o Haroun Alraschid, ged nach b’ ann le a lan-thoil, chuir e fear air feadh a’ bhaile a glaodhaich, agus a radh, gu ’n robh e air a thoirmeasg do neach sam bith ann an Damascus greim de ’n bhiadh no deoch dhe ’n uisge, no fasgadh na h-oidhche a thoirt do Alcolomb no d’ a mathair, ar neo nan deanadh iad so, gu’n rachadh an cur gu bas, agus gu ’m biodh an cuirp air an tilgeadh thun na sraide gus a bhith air an itheadh le coin a bhaile. An uair rinn am fear a bha glaodhaich mar a dh’ iarr an righ air, dh’ ordaich righ Shiria Alcolomb agus a mathair a chur am mach as an luchairt, agus leigeadh leotha a dhol a dh’ aite sam bith a thogradh iad. Cha bu luaithe a chuireadh am mach air an t-sraid iad na thoisich a h-uile neach a bha ’tachairt riutha ri teicheadh uapa, o’n a chuir an t-ordugh a thug an righ seachad eagal orra. Thug na mnathan truagha an aire anns a’ mhionaid gu ’n robh na h-uile ’g an seachnadh. Ach o nach robh fhios aca c’ar son, bha iongantas gu leor orra. Agus bha uamhas mor orra an uair a thainig iad gu sraidean anns an robh daoine air an robh iad eolach, agus a bha roimhe sid gle chairdeil riutha, ach a bha aig an am a’ teicheadh rompa mar a bha cach. “Ciod is ciall dha so?” arsa mathair Ghanem. “Am bheil a’ phlaigh oirnn? Am feum an gniomh eucorach agus cruaidh-chridheach a rinneadh oirnn ar deanamh graineil ann an sealladh ar co-chreutairean? Tiugainn, mo leanabh,” ars’ ise, “biomaid a grad fhalbh a Damascus. Na fanamaid na ’s fhaide ann am baile anns am bheil sinn ’nar culaidh eagail do ar cairdean.” Mar a bha an dithis bhoirionnach thruagha a’ labhairt mar so eatorra fhein, rainig iad iomall a’ bhaile, agus chaidh iad a staigh do thaigh fas a thachair riutha gus an oidhche chur seachad ann. An uair a thainig an oidhche, thainig daoine caoimhneil, caranta far an robh iad le biadh ’s le deoch. Ach cha bu dana leotha fuireach fad na h-oidhche a chumail cuideachd riutha, air eagal gu ’m faighteadh fios gu ’n robh iad ann, agus gu ’m fuiligeadh iad am peanas a dh’ ordaich an righ dhaibh. Anns an am leig Sinebi an righ air falbh na calamain gus fios a thoirt do Haroun Alraschid gu ’n d’ rinneadh mar a dh’ ordaich e. Dh’ innis e dha gach ni a rinneadh, agus dh’ iarr e air fios a chur ’g a ionnsuidh ciod a dheanadh e ris a’ mhathair agus ris a’ phiuthair. Ann an uine gun bhith fada fhuair e fios air ais an cur air falbh a Damascus. Gun dail sam bith chuir righ Shiria daoine ’dh’ ionnsuidh an taighe anns an robh na mnathan a’ fuireach, agus dh’ ordaich e dhaibh Alcolomb agus a mathair a thoirt air falbh astar thri latha o Dhamascus, agus am fagail an sin, agus ordugh teann a thoirt dhaibh gun tilleadh gu brath tuilleadh do Dhamascus. (Ri leantuinn). “An deachaidh duine chall riamh ’s an abhainn so?” arsa bhean-uasal air an robh eagal a bhàthaidh ri fear a bhàta. “O, cha deachaidh,” arsa fear a’ bhata, “cha robh duine riamh nach d’ fhuaradh an ceann dha no tri lathaichean. Ceud dleasdanas an fhior Ghàidheil—a bhi ’gabhail MHIC-TALLA. Am fear nach eil a’ cuideachadh an aon phaipeir Ghàilig na biodh e ’g radh Gàidheil ris féin idir. [TD 308] [Vol. 9. No. 40. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, APRIL 5, 1901. BHA e air aithris o chionn ghoirid gu robh Pòl Cruger a dol a tigh’nn air chuairt do America, ’a dol a liubhairt òraidean am bailtean mora nan Staidean. Tha e air innse nise nach eil sin fior: nach do smaoinich e riamh aig tighinn thar na h-Atlantic. ’S fheudar dha fuireach far am bheil e gus an ionnsaich e Beurla, no gus an ionnsaich muinntir nan Staidean cànain nan Dùitseach. THA bill air beulaobh na h-àrd-phàrlamaid air son an ceathramh latha fichead dhe’n Mhàigh a bhi ’na latha saor mar chuimhneachan air breth agus beatha banrigh Bhictoria. Ged nach biodh e ro-iomchuidh na lathaichean saora dheanamh na ’s lionmhoire na tha iad, thatar a’ meas gu bheil banrigh Bhictoria airidh air an urram so a chur air a cuimhne, agus a bhàrr air sin, tha an ceathramh latha fichead dhe’n Mhàigh ’na latha saor cho measail ann an Canada, agus an sluagh cho cleachte ris, ’s nach biodh iad toileach deanamh as aonais. Bidh latha-breth an righ ri chumail ann an Nobhember. Tha cuid air son latha taingealachd a chumail air latha-breth an righ, air chor ’s nach bi againn ach an aon chùnntas de lathaichean saora ’sa bha againn roimhe so. THA Mr. Herbert Gladstone, mac do’n Onarach Uilleam E. Gladstone, nach maireann, a’ deanamh ainm dha fhéin am measg bhall na pàrlamaid Bhreatunnaich. Ann an litir a sgriobh e gu muinntir na siorrachd air son am bheil e ’suidhe ’sa phàrlamaid, Leeds an Iar, tha e nochdadh tuigse agus géiread inntinn a choisinneas àit urramach dha am measg cheannardan na pàirtidh d’am buin e, ma chumas e roimhe cho gealltannach ’sa tha e air tòiseachadh. Tha na liberals ann am Breatunn gle lag anns na bliadhnaichean so, agus ’se tha ’g am fàgail mar sin dìth nan ceannardan. Agus cha’n eil a phàirtidh a tha ’n dreuchd moran na ’s fhearr dheth anns an dòigh sin. Cha ’n eil a’ phàrlamaid Bhreatunnach cho saibhir ann an daoine ’sa bha i ’nuair a bha Gladstone us Disraeli na ’n ceannardan innte. THA aoibhneas nach beag anns na Staidean o’n fhuaireas an sgeul gu robh Aguinaldo air a ghlacadh. Tha a mhor chuid dhe’n t-sluagh dhe ’n bharail gu bheil an cogadh mar sin air a thoirt gu crich: nach seas na Philippinich a mach na’s fhaide o’n thugadh an ceannard uatha. Tha an t-Admiral Dewey, aig am bu chòir an deagh eòlas a bhith air cùisean nan eileanan, dhe’n bharail cheudna. Ma tha bharail sin ceart cha’n fhada gus am bi lan chothrom aig na paipearan Geancach air an aire thoirt gu h-iomlan do bhi càineadh ’sa comhairleachadh Bhreatuinn a thaobh cogadh nam Boerach ann an Africa mu Dheas. Chluinn sinn gu tric iomradh air daoine a tha comasach air labhairt ann an iomadh canain, ach is ainneamh a chluinear iomradh air duine aig am bheil eòlas coimhlionta air a chainnt mhàthaireil. Tha a’ phlàigh gle dhona ann am baile Chape Town, an Africa mu Dheas. Bha tri cheud us coig deug tinn leatha uile gu leir, agus chaochail ceud ’sa seachd leatha. B’ Eorpaich a dha air fhichead dhiubh. Fhuair Tearlach beag coig sentichean o mhàthair gus a chuideachadh ann an ceannach soitheach-cogaidh a bha ri faicinn ann an uinneig bùtha. Ach air a thurus dh’ ionnsuidh na bùtha sin, smaoinich e gu ’m bu ni gle aingidh an cogadh, agus cheannaich e fiach nan coig sentichean de mhillseanan. “Cha’n eil neach o mhearachd saor,” eadhon luchd-deasachaidh nam paipearan, ni iad a dhol cearr uaireannan. Bha fear dhe’n dreuchd sin uair ag innse mu chù a chaidh as a rian, agus ars esan, “mu’n d’ fhuaireadh am beothach caothaich a thilgeadh, ghreim e Mr. Sampson agus a dha no tri de choin eile!” Chaochail Eoseph Murphy ann an Truro Di-ciaduin. B’e so aon de na fianuisean a bha ’n aghaidh a’ Chuimeinich anns a’ bhaile so air an t-seachdain s’a chaidh, agus an deigh dha ’fhianuis a thobhairt, bha e air a ghlacadh. Bha e mach air urras ’nuair a dh’ fhàg e am baile. Bha e ann an Truro o Dhior-daoin s’a chaidh, agus bha e ’na laidhe tinn fad na h-ùine sin. Tha misneach a cheart cho feumail dhuinn ri eòlas. Cha dean saighdear gun mhisnich feum sam bith anns a’ chogadh? Nach faodar a radh le firinn gur e cogadh a th’ ann am beatha gach duine? Nach ’eil gach duine a cogadh an aghaidh trioblaid, bròin, agus bais? Nach ’eil sinn a’ cogadh an aghaidh laigse agus an amhuinneachd? Nach ’eil sinn a cogadh an aghaidh uilc agus aineolas? Agus nach ’eil sinn a’ cogadh an aghaidh bochdainn, agus éis, agus camadh crannachuir? Bas. Ann an Cobh nan Eirionnach, C. B., air an t-seachdamh latha deug dhe ’n Mhàrt, Bean Fhionnlaidh Ruaidh Dhomhnullaich, leth-cheud us ceithir bliadhna dh’aois, a fàgail sianar chloinne maille ri céile a’ caoidh an call. Air an Abhainn a Tuath, air a’ choigeamh latha fichead dhe’n Mhàrt, Domhull Domhnullach, tri fichead us coig bliadhna deug a dh’ aois. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life Association. Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871. ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. Teachd-a-stigh os Ceann Millean ’sa Bhliadhna. Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 309] [Vol. 9. No. 40. p. 5] Naigheachdan. Bhatar ag aithris toiseach na seachdain so gu robh cuideachd iarruinn Nobha Scotia, a’ dol a thogail nan obraichean ann an Trenton, N. S., an àite an cur suas ann an Sidni Tuath. Cha’n eil fhios fhathast co-dhiu tha no nach eil sin fior. Anns an troimhe-chéile bha an St. Petersburg ’s an Kharkoff o chionn ghoirid, bha tri air fhichead do dh’ fhoghlumaichean òga air am marbhadh. Bu nigheanan a triùir dhiubh. Tha an riaghladh Ruiseanach a deanamh uile dhichioll air gach ni dhe na thachair a chumail an cleth. Tha an deigh air falbh bhar na h-acarsaid gu buileach, agus tha bàtaichean air ais ’s air adhart o chionn faisg air seachduin. Thainig beagan chnapan de’n deigh mhòir a stigh Di-màirt, ach bitheamaid an dòchas nach tig an còrr dhith. Tha an t-side bho thoiseach an t-seachdain so anabarrach briagha, le lathaichean blàtha, grianach, a tha tiormachadh an talmhainn ’sa cur coltas an earraich air an dùthaich. Thatar ag innse air an t-seachdain so gu bheil cuideachd an t-soluis agus cuideachd an aiseig a’ dol a chreic ri cuideachd làidir a thatar a cur ri cheile ann a Halifacs so cheannardachd B. F. Pearson. Tha a’ chuideachd ùr so, ma ni iad an ceannach, a’ dol a chur bhataichean ùra air an aiseag, agus a’ dol a thogail rathad-iaruinn electric eadar Sidni agus na mèinnean. ’S i ’n t-suim a bha air ainmeachadh a tha cuideachd an t-soluis a faotainn, da fhichead mile dolair. Tha càs a Chuimeinich, a bha dol air adhart o chionn còrr us seachdain, a nise seachad, agus bidh broth na cùirte air a toirt am mach an ceann latha no dha. Bha Mr. Cuimean air a chur an sàs le àireamh de luchd-cumail nan taighean òil, ’s iad a’ fàgail air gu robh e tairgse airgead a ghabhail uapa agus leigeil dheth a bhi ’gan ùmhladh air son a bhi creic an stuth làidir. Bha mionnan a Chuimeinich agus mionnan cuid de na fianuisean a bha ’na aghaidh calg-dhireach an aghaidh a chéile. Thainig bàs uamhasach air fear Domhull Mac-Iomhair, a mhuinntir nan Narrows Bheaga, ann an Louisburg, Di-satharna s’a chaidh. Bha e ’g obair do chuideachd a ghuail a càradh car a bha air an rathad-iaruinn. Bha e ’g obair fo’n char, nuair a chaidh a bhualadh le inneal leis an robhas a gluasad charbadan eile. Chaidh na cuidhlichean thairis air mu’n tug e fa-near ciod a bha tachairt, agus cha mhor nach robh e air a ghearradh ’na dha leth. Bha e marbh air ball. Dh’ fhàg e bean us ochdnar chloinne. Thatar a corpachadh cuideachd ann an Eilean a’ Phrionnsa air son soithichean-smuide a chur a ruith eadar Newcastle, N. B., agus Sidni, a taghal ann am Baile-Shearlot ’s an caochladh phuirt anns an eilean. Bidh aon soitheach air a chur air an astar ’sa cheud dol am mach, agus bidh e ’deanamh na cuairt a dha no tri uairean ’sa mhios. Tha malairt mhor eadar Ceap Breatunn us Eilean a’ Phrionnsa o’n thoisich an obair-iaruinn, agus cha’n eil teagamh nach faigheadh soitheach-smùide obair gu leor a ruith eadar an da eilean. Chaidh a cheud luchd-soitheach de dh’ iarunn Shidni a chur air tir ann am Boston Di-ciaduin—mu sheachd ceud gu leth tunna. Chaidh beagan dhe’n iarunn a chur suas do Chanada roimhe so. Cha bhi ’n ùine fada gus am bi iarunn Shidni ’ga chreic ann an tomhasan mora. Thug Riaghladh Nobha Scotia ionnsuidhe air cur as do ’n Legislative Council aig an t-suidhe so. Chaidh bill a chur troimh ’n tigh iseal air son sin a dheanamh, ach an uair a rainig e uaislean an taighe eile, cha ’n fhac iad ni a b’ iomchuidhe na a thilgeadh am mach gun uiread ’sa leughadh. Chaidh da fhichead duine mach air strike aig Dominion No. 1 Di-luain s’a chaidh. Bha iad so ag obair do chuideachd a ghuail, agus bha a chuideachd ’g am bòrdadh air naodh dolair s’a mhios, ach Di-sathairne s’a chaidh, bha pris a bhùird air a chur suas gu coig deug gu leth dolair ’sa mhios. Cha seasadh na daoine ri sin, agus sguir iad a dh’ obair. Bha uair a bha moran shoithichean air an togail ann an Nobha Scotia, agus gu h-àraidh anns na sìorrachdan an iar. Tha beagan dhe’n obair sin a’ dol air adhart fhathast; ann am baile Lunenburg tha coig soithichean fichead ’g an togail air a’ gheamhradh so ’s ri bhi air an cur air sàl romh dheireadh an earraich. Is soithichean-iasgaich iad uile. B’e Di-luain s’a chaidh latha nan amadan, latha nach eileas anns na bliadhnaichean so a’ cumail cho math ’sa bhatar a deanamh ’s na bliadhnaichean a dh’ fhalbh. Cha ’n eil sinn ri bhi creidsinn, air son sin, nach fheil iadsan air am bheil an latha air ainmeachadh a cheart cho lionmhor aig an àm so ’sa bha iad riamh o thoiseach an t-saoghail. Is duine air leth esan nach eil uair no uaireigin na amadan ann an sùilean muinntir eile. A reir lagh ùr a tha air a dheanamh ann an New York, cha leigear a leas daoine chur gu bàs leis an lagh anns an staid sin tuilleadh. Air son mort faodaidh an jury, an àm a bhi faotainn duine ciontach, a shuidheachadh co-dhiubh chuirear gu bàs e na bhios tigh-obrach ri bheò air a thoirt dha. Agus a thaobh mort anns nach bi cionta a mhortair an-tromaichte, faodaidh iad an àireamh bhliadhnaichean de’n tigh-obrach a chi iad iomchuidh a thoirt dha; ach cha’n fhaod an ùine a bhi fo dheich bliadhna fichead. Tha bòrd na sgoile an deigh, a’ chùis a rannsachadh, a’ faotainn gu robh Mr. Heustis ceart gu leòr anns a chuid mhor de na thuirt e mu sgoilear a’ bhaile, gu bheil moran de dhroch cainnt air a cleachdadh leis na sgoilearan, agus nach eil an luchd-teagasg ag amharc thairis orra mar bu chòir dhaibh. Tha iad a’ cur mar dleasdnas air an luchd-teagasg a bhi na’s cùramaiche ag amharc thairis air na sgoilearan an deigh so, agus tha buill a Bhuird iad féin ri bhi taghal na sgoile na ’s trice na bha iad a deanamh roimhe so. Cha’n eil an òigridh a tha dol dh’ an sgoil an Sidni na’s miosa na an leithidean ann am bailtean eile, ach tha beagan nam measg a b’fheairrd iad as, agus rinn am beagan sin, le cion ’s nach robhas a’ sealltuinn thairis orra, moran de chàch a mhilleadh agus droch cliù a thoirt air an sgoil. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 310] [Vol. 9. No. 40. p. 6] Muthan ri Linn Bhictoria. LE CEIT STIUBHART, AN GLEANN-LIOBHAIN. [Aig a Mhod Ghàidhealach, air an fhoghar s’a chaidh, bha duaisean air an toirt seachad air son sgriobhaidh le gillean us nigheanan òga. Thug am paipear a leanas am mach an duais a b’ àirde.] ’S ioma caochladh a tha air tighinn air Ghaidhealtachd na h-Alba bho ’n a thainig a’ bhan-righ Bhictoria stigh air an righ-chaithir bho cheann trì bliadhna agus trì fichead. Aig an àm ud bha mòran sluaigh anns a’ Ghaidhealtachd. Bha a’ chuid ’bu mhò do ’n dùthaich ann an làmhan tuath bheag a bha saothrachail, grunndail. Bha iad togail bàrran math do choirce ’s do eòrna, agus bha mar so pailteas bèidh aca aig an tigh. Aig an àm ud cha robh galar a’ bhuntàta air tighinn staigh do’n dùthaich, agus bha an sluagh deanamh mòran feum dheth air son am beathachadh; amannan do ’n bhliadhna bhiodh e aca trì uairean ’san latha. Ri oidhchean fada geamhraidh bhiodh aon no dhà do theaghlach ’sgrìobadh bhuntàta ann an cùil air son buntàta pronn na suipearach, agus theagamh bean-an-tighe, agus an searbhanta no aon de na h-igheanan a’ snìomh snàth air a’ chuibhle chrinn, air son aodach do’n teaghlach. Aig an àm ud cha robh do sholus aca aig oidhche ach solus a’ ghiubhais, solus coinnle no solus chrùisgein anns an robh iad ’losgadh ola ’bha air a thoirt a saill na muice-mara. Bha a’ chuid is mò do na tighean aca tubhte le raineach no fodar, ach cuid dhiubh le fraoch is bealaidh. Ged nach robh na tighean ach beag, far an robh iad air an cumail ceart ’an òrdugh, bha iad blàth seasgair. Leis mar a bha iad deanamh a’ chuid mhòr do’n aodach fhéin is togail pailteas coirc air son bidh, cha robh mòran do bhathar mharsantan tighinn stigh do ’n dùthaich. ’Nuair bhiodh iad dol bho ’n tigh dh’ fheumadh iad coiseachd no falbh marcachd air eich, no ann an cairtean. Anns an Earrach bha iad treabhadh na talmhuinn le croinn, a chuid is mò dhiubh do fhiodh le suic is coltair iarruinn. Anns t-fhoghar bha iad ’buain a’ choirc le corain. Aig an àm ud bhiodh mòran do ’n oigridh falbh thun an fhoghairidh, oir cha robh an coisinn ro phailt ri fhaotain aig an tigh. Aig toiseach an t-samhraidh bhiodh mòran do ghuillain ’s do chailleagan dol gu deas dh’ ionnsach’ na Beurla, agus a bhuachaileachd a’ chruidh air a’ Ghalldachd. Nis tha a’ Ghaidhealtachd, cha mhòr, ’na fàsach. Anns na Glinn tha fada bho na rathaidean iaruinn cha’n ’eil ach cor thuathanach mòr chaorach agus beagan chìobairean thall ’s a bhos; no theagamh nach ’eil sin fhéin ann, oir tha mòran do’n dùthaich nis air a cur fo fhéidh. Ann an cumantas tha tighean math sgliata aig an t-sluagh a tha air fuireach. Tha croinn throm iaruinn aca gu treabhadh leo, tha agus innealan gearraidh agus ceangail air son na buaine ’s t-fhoghar. Nis cha ’n ’eil na Gàidheil òga aon chuid ’san t-samhradh no ’s t-fhoghar falbh ’shireadh coisinn air a’ Ghalldachd, oir tha iad tuille ’s gann aig an tigh. Ma bhitheas iad falbh nis bho ’n tigh ’s ann air na rathaidean iaruinn no air na soithichean-toit. Tha mòran eile nis a’ siubhal astaran fada air na cuibhleachan dà-rothach. Cha’n ’eil moran snìomh no figheadaireachd dol aig an tigh nis, agus tha mòran do ghnothuichean marsandachd tighinn stigh do’n dùthaich. ’An àite solus giubhais tha nis aig an t-sluagh lòchrain shoillseach ola, ’na ghaoithe, no ann an cuid àiteachan tha dealanach na speur fhéin deanamh soluis dhoibh. Tha mòran do nithean aig na Gàidheil nis gu tuille comhurtach thoirt dhoibh na bha aca aig an àm ud. Tha airgiod agus coisinn na’s pailte, ach tha e teagamhach a bheil iad na ’s sona. Tha e teagamhach a bheil iad cho caoimhneil fhialaidh ’s a bha iad aig an àm ud. Ged tha mòran tuille do choineamhan air an cumail a nis anns na h-uile sgìreachd is baile beag far a bheil ceòl is litreachas air an gnàthachadh gu toileachas a thoirt do’n òigridh, tha e teagamhach a bheil iadsan a’ faotain urrad riarachadh as na h-uile ni a tha ’n so ’s a bha an sinnsir a’ faotainn bho na h-òrain bhinn ’s na sgeulachdan gasda Gàidhealach a bha air toirt seachad aig na seana chéilidhean. Tha e teagmhach cuideachd a bheil buaidh cho mor aig diadhachd fìrinn agus onair air an t-sluagh ’s a bh’ aca aig an àm ud. Tha mùthadh mòr air tighinn air na sgoilean. O chionn trì fichead bliadhna bhiodh na sgoilearan ’giùlan foid-mhòine leo h-uile maduinn air son teine a chumadh blàth iad anns na tighean beag dorcha far an robh, ’na uairean, deagh sgoilearan air an ionnsachadh. Tha tighean mach ùr sgoile aca nis, far a bheil na h-uile cothrom aig a’ chloinn. Tha paipearan-naigheachd nis air an reic air son sgillinn agus bonn-a-sèa. Bha iad aig an àm ud costa sèa sgillinn, leis a’ chìs a bha air a’ phaipear. Tha leabhraichean eile saor do réir sin air doigh ’s gu bheil eòlas gu mòr air a mheudachadh. COILLE DHUBH. A CHEARC. BHA boireannach ann roimhe seo agus rug i cearc ann an sgorr cladaich ’s iad an deigh a cur air fuadach air doigh air chor-eigin. Dh’ fhas a chearc mor, ’s bhiodh i ’dol do thaigh an righ ’h-uile latha feuch am faigheadh i rud a bheireadh i g’ a mathair. Thainig an righ mach latha de na laithean, ’s thuirt e rithe: “De, a chreutair bhig, mhosaich a AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 311] [Vol. 9. No. 40. p. 7] tha thu deanadh a ’t sheasamh air mo dhorus an sin.” “Mata gad a tha mi beag, mosach fhein, ni mi rud nach dean a bhanruinn mhor, bhriagha agadsa,” ars’ ise. “Dé ’ni thu?” ars’ an righ. “Leumaidh mi o sparr gu sparr, ’s an clobh ’s buthal na poite slaodadh rium.” Dh’ fhalbh e staigh ’s dh’ innis e siud do’n bhanruinn. Chaidh ’fheuchainn ris a’ chirc ’s rinn i e. Cheangail iad am buthal san clobha rithe, ’s leum i thar tri sparrannan, ’s thainig i air làr. Cheangail iad am buthal san clobha ris a bhanruinn an sin, ’s dh’ fhalbh i ’s thug i leum aisde, ’s ghearr i faobhar an da lurga aice, ’s thuit i, ’s chaidh an t-eanchainn aisde. Bha ceithir banruinnean aige ’s chuir a’ chearc as doibh, air fad, leis an obair seo. “’S fhearr dhuibh,” ars’ a’ chearc, “mo mhathair a phosadh; tha i ’na boireannach briagha.” “Seachainn mi,” ars’ an righ; “rinn thu call gu leoir dhomh cheana, a chreutair mhosaich.” “Mata cha ’n e sin a ’s fhearra dhuit ach a posadh,” ars’ a’ chearc. “Cuir a nuas do mhathair ’s gu ’m faiceamaid i,” ars’ an righ. Dh’ fhalbh i far an robh a mathair, ’s ars’ i rithe, “Tha’n righ ’gar n-iarraidh a mhathair; bha mise ag iarraidh air bhur posadh.” Chaidh i suas ’s phos i fhein san righ. Bha ’n sin Domhnach ’s bha iad a’ dol do ’n t-searmoin an righ ’s a’ bhanruinn, ’s cha d’ fhag iad a staigh ach a chearc, ’s mac o ’n cheud mhnaoi. Dh’ fhalbh a chearc nuair a dh’ fhalbh iad, ’s chaidh i do sheombar,’s thilg i dhi an cochall a bha orra, ’s dh’ fhalbh an gille stigh do ’n rum ’s chunnaic e ’n cochall a bha orra. Rug e air ’s chuir e’ n teis meadhoin an teine e. Thainig ise nuas ’s cha robh sgeul aice air a chochall. Thainig i far an robh an gille ’s claidheamh ruisgte aice ’s thuirt i ris, “Faigh dhomhsa mo chochall air neo bheir mi an ceann diot an aghaidh na braghad.” Ghabh an gille moran eagail ’s cha b’ urrainn e facal a radh rithe. “A chreutair mhosaich,” ars’ ise, “’s mor leamsa do bhàs a bhith air mo lamhan. Cha ’n eil fios ’m a nis dè ’ni mi; ma gheibh mi cochall eile saoilidh iad gur buitseach a th’annam; agus ’s fhearr domh fantail mar a tha mi.” Nuair a thainig an righ dhachaidh chunnaic e ’m boireannach breagh sin a staigh air feadh an taighe, ’s cha robh fios aige dè ’chuir ann i. B’ fheudar gu ’m faigheadh an righ mach dè ’n seorsa boireannaich a bh’ innte. Phos i’ fhein ’s mac an righ ’s rinneadh banais mhor daibh.—Sgeulachd. Iadsan a Phaigh. Tormad Canonach, Rudha ’n Rothaich. S. Mac Neacail, an Abhainn Mheadhonach D. Domhnullach, Beinn nan Sgitheanach. Alasdair Domhnullach, Beinn nan Sgitheanach. R. Barclay, Sidni. Iain P. Joy, Sidni. I. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain. Cairistiona Dhomhnullach, Cul Iona. Steaphain Mac Neill, Benacadie. Am Brathair Ananias, San Francisco, Cal. Miss Amy Mhoraidh, New York. Iain Dùghlach, Malden, Mass. Iain N. Beutan, Kellog, Calfiornia. Eachunn Mac-a-Phi, Miner, Mich. M. McGuggain, M.P., Mount Brydge, Ont. Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville, Ont. Iain T. Domhnullach, Cornwall, Ont. Niall Mac Dhiamraid, Duntroon, Ont. Domhull Mac Mhuirich, Flesherton, Ont. Seumas E. Mac Ille-mhaoil, Lagan, Ont. T. Mac Leoid, Ft. Saskatchewan, N.W.T. Domhull Mac Coinnich, Glaschu, Alba. Domhull Johnston, Springhill, N. S. An t-Urr. R. L. Domhnullach, Arisaig, N. S. Alasdair Coannach, Braidalbain, E. P. I. Murchadh Mac Leoid, Springton, E. P. I. AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. INNSRIDH TAIGHE ’S BRAT-URLAIR. THA SINN A’ CREIC Paipearan Balla Geancach Dhe gach searsa. Cuiridh sinn Taighean nan lan Uidheam FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH. GORDON & KEITH, SRAID SHEARLOT. A. T. GRANND, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 312] [Vol. 9. No. 40. p. 8] Thig an Samhradh le ’Bhruthainn. Thig an samhradh le ’bhruthainn; ’S thig a chubhag á Eirinn; Thig gach ian bhàrr na machrach, ’S iad an taice ri ’cheile, ’Dheanamh ciùil air na crannaibh Is air bharraibh nan geugan; Ach tha mis’ is mo leannan A sior theannadh bho ’chéile. ’S mairg nach iomraich an copan Sùmhail socrach ’s e dèarlan; Cha b’ e sin a rinn mise, ’S ann a bhrisd mi fein bèarn as. Gur h-e ’n t-iomadaidh uaigneas ’N i de ’n ionracan mèirleach; Chuir sud mise gu saothair, ’S tha e daor do mo chàirdean. ’Ghruagach àillidh an leadain, ’S mi gum freagradh dha t’ òrdadh, Ann an glaice nan creagan ’S ann am preasaibh beag’ bòidheach. Aig a mheud ’s thug mi ghaol duit, Gun do dhaoine bhith deònach, ’S mi gun laigheadh ri d’ thaobh An gleannan caomh nan laogh òga. Cha déid mise do ’n chaisteal No an taice ri ’m fàilteachd; Ged bhios piob ac’ is fiodhull Agus binneas na clàrsaich, Cha ’n fheil ceol tha fo ’n athar Nach bi feitheamh mo ghràidh-sa. ’S truagh, a righ, gun bhith mar-riut, Gheug nam meall-shuilean tlàtha. Tha mo mhaighstir àrd, prìseil Fo mhighean ’s fo ghruaim rium, Is cha déid mi na ’shealladh Mun dig ruthadh a ghruaidhean. Gur h-e sgeula na dunaidh ’Fhuair sinn uile ’san uair so; ’S ann a dh’ iarr e le gradaig Iad ga m’ spadadh le luaithe. ’S mairg nach sealladh greis roimhe Air na mnathaibh ga ’m bòidhchid, Mun gabhadh e ’pheacadh, An cur seachad air pòsadh. Tha a bhuaidh sin air fad orr’ Bhith gu socharach, gòrach; ’S e mo ghealladh-s’ mar thochradh A chroich airneo ’m fògradh. Ochain, ochain, mar tha mi, ’S goirt mo chràdh ’s mi fo mhulad; Tha mo ghruaidhean air seacadh, ’Caoidh nach faic mi mo chruinneag. Ach cha ’n urrainn mi t’ àicheadh Ged a dh’ fhàgainn an cruinne.— ’S truagh, a righ, nach bu bhàs dhomh Air na tràighibh gun fhuireach. Och, is truagh nach bu bhàs dhomh Nuair bu phàisdean beag òg mi, Mun do dhearc mi air t’ aodann Is nach faod mi do phòsadh. Troigh chruinn am bròig chumhainn, Do ’m bu chubhaidh bhith spòrsail, Fo do chalpannan mìn-gheal, Troigh nach ìslich am feoirnein. Uilleim Oig Abaràrdair Bu tu ’m bàillidh gun tròcair, Nuair a dh’ iarr thu mo spealtadh Eadar eich Mhic-an-Tòisich; Mo thoirt timchioll a chabhsair Gun mo chàirdean a’ m’ chòmhdhail. ’S mor gum b’ fhearr a bhith ’m Flànras Na bhith ’n làthair a mhòid sin. A reir innse sgeoil cha robh aig Fear Abaràrdair ach aon nighean. Fhuair an gille-stabaill aige trom i. Bhagair e gun sracadh e an gille as a cheile eadar da each. Dh’ innis an nighean do ’n ghille mu ’n chunnart anns an robh e, agus thug e a chasan as. Spàrr Fear Abaràrdair a nighean ann an seòmbar agus chum e ann i gus an d’ fhuair i bàs le mulad agus brisdeadh-cridhe. Oran Le Mac-Philip, fear-brataich Mhic-Ic-Iain, air dhaibh a bhith a cur air gu ’n do thill e bho fheachd air comhairle na mnatha. LUINNEAG. Hilinn o ho ro bha ho u ho, Hilinn o ’s mi falbh leatha, Hilinn o u i o u, Hùbh o ’s mi falbh leatha. ’S mis’ a rinn an cruaidh thilleadh An taobh s’ a dh’ innein a cheathaich; Thainig deoir air mo shùilean Agus tùchadh nam labhairt. Thainig deoir air mo shùilean Agus tùchadh na m’ labhairt, Nuair a thog iad mar sgeul orm Gu ’n do gheill mi do mhnathaibh. Ach cha deanainn féin géilleadh Do dh-aon te tha fo ’n adhar, Ged bu nighean do ’n rìgh i, ’S tri rioghachdan leatha. Gu ’m b’ e ’n cleachdadh bu dual dhuinn A bhith cruadalach, fearail. Gun bhith gealtach no sgàthach ’Dhol an làthair na carraid. Mort Ghlinne-Comhann. LE AONGHUS MAC ALASDAIR RUAIDH. ’S mi am shuidh’ air a chnocan, Chaidh mo léirsinn an olcas; Is mi aon mhac an trotain air m’ fhàgail. Tha mi ’coimhead a ghlinne, Far am b’ aighearach sinne, Gus an d’ aom oirnn an fhine ’n robh ’n fhàilinn. Rinn na Duibhnich oirnn leadairt, Bha ’n fhuil uasal ga ’leagail, ’S bha Gleann-Liobhann na sheasamh mar cheannard. Ach nam b’ ionnan d’ ur macnus ’S nuair bha mise n’ ur taice, Nàile rachadh iad dhachaidh na ’n deannruith. Bhiodh Mac-Fhilip le ’bhrataich Air tùs an fhine neo-ghealtaich, Ged a fhuair iad an nasgadh le ainneart. A Mhic-Eanruig nam feadan, ’S tric a bha mi ’s tu beadradh Leis a mhuinntir a ghreas do ’n taigh-shamhraidh. Bha Clann Iain nan gadhar, ’Rinn na h-uaislean a thadhal, ’S iad ga ’n riasladh le cuthach gun chàirdeas. Dh’ fhàg sibh marcaich’ ’n eich uaibhrich, Reubt’ air righe nan ruadh-bhoc, Ann an sneachda trom fuar nam beann àrda. Dh’ fhàg sibh làraichean dubha Far am b’ àbhaist duibh suidhe ’N comunn luchd an fhuilt-bhuidhe, chais, amlaich. ’Fhir Bhail’-Fhèarna nam badan, Bu cheann-feadhn’ thu air brataich, Is chaidh smùid ’chur ri t’ aitreabh na ’smalaibh. Bha do chomh-bràthair guailte, Deagh fhear Baile nam Fuaran, Leam is goirt e, ’san uair air dhroch càradh. Ach ma ’s deonach le ’r Righ e, Bidh là eile ga ’dhiol sin, Agus maighdeanan lìobhte cur cheann diu. Bidh na Tuirc air an dathadh, ’S bidh righ Uilleam na ’laighe, ’S bidh cùird mhor air an amhaich dhe ’n antoil. B’ e mo rogha sgeul éibhnis, Moch Di-luain is mi ’g éirigh, Gun robh againn righ Seumas ’s na Frangaich. Chiteadh iomain ball achaidh Air fir mheallt’ nam balg craicinn, ’Loisg ar n-arbhar ’s ar n-aitreabh ’sa gheamhradh. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar tha do Shuilean? Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagairt ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL-FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 313] [Vol. 9. No. 41. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 12, 1901. No. 41. Facal no Dha do Chuid de Ghillean Oga na Duthchadh. LITIR I. NIS, ’illean, tha mi dol a dh’ innseadh na fìrinn dhuibh, suil mu ’n t-sroin, co-dhiu ghabhas sibh gu math no gu h-olc e. Tha fhios agam gu bheil an fhìrinn, iomadh uair, gle shearbh ri h-eisdeachd. Ach mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is searbh a’ ghloir nach fhaodar eisdeachd.” Cumaibh an comhnuidh ’n ur cuimhne nach ann mar olcas ribh a tha mi idir. Is fhada uaithe ghabhadh e. Nan robh gràin agam oirbh, dh’ fhoghnadh dhomh cead ’ur coise a leigeil dhuibh, agus a radh ruibh gu robh sibh ’n ur gillean gasda, agus gu bu mhath a bha sibh a’ deanamh; agus dh’ fhaodainn a bhith cinnteach gu rachadh sibh, air a’ cheann mu dheireadh, do ’r n-àite fhein, mar a chaidh fear eiginn air an cuala sibh iomradh o chionn fada. Tha mi ’labhairt ribh mar charaid. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is math an sgathan suil caraid.” Tha fios agam nach faigh mi taing sam bith uaibh air son an fhìrinn innseadh dhuibh agus comhairle na corach a thoirt oirbh. “Comhairle caraid gun iarraidh cha d’ fhuair i riamh am meas bu choir dhi.” Nis, ’illean, ma tha gus nach ’eil fios agaibh fein air, tha sibh ’n ur culaidh-mhagaidh aig moran anns an dùthaich. Bha ’n dunaigh oirbh roimhe so, ach tha ’n truaighe buileach oirbh a nis. Cha ’n àill leibh bhur lamh a chur ann an car cosnaidh. ’S ann a tha h-uile fear dhibh cho straiceil, ’s cho spaideil, ’s cho ard sron ’s ged bu leibh ionmhas an domhain. Tha sibh cho lan de ’n mheud mhoir ’s a tha ’n t-ugh de ’n bhiadh. Co ach sibhse! An uair bu choir dhuibh aodach bhur cosnaidh a bhith oirbh, ’s a bhith gu dichiollach ag obair, ’s ann a bhios sibh gu diomhanach a’ spaisdireachd air na cnoic, agus ’ur lamhan thun nan uillean ann am pocaidean ’ur briogaisean. Co ach sibhse le ’ur briogaisean goirid, ’s le ’ur stocainnean ballach, le ’ur botunnan, ’s le ’ur n-adachan, ’s le ’ur cotaichean, ’s le ’ur n-uaireadairean, agus ’ur athraichean ’s ’ur mathraichean, a thog ’s a dh’ àraich sibh, ’s a fhuair dragh gu leor ribh, anns na luideagan, gun chomas aca dol a mach air toll doruis am fianuis Criosduidh, a Shàbaid no Sheachduin! Faodaidh sibh a radh mar a thuirt am fear roimhe—“Mo stocainnean fhin, agus mogain m’ athar.” Nam b’ ann a’ dol do thaigh an Tighearna air latha na Sàbaid a bhiodh sibh ghabhainn ’ur leithsgeul. Ach ’s i chuis a ’s bochda nach teid sibh ach ro ainneamh a dh’ eisdeachd facail an Tighearna. Tha sibh mar a bha ’m breitheamh o shean, gun eagal Dé, gun urram do dhuine. Tha duil agaibh fhein gu bheil sibh ’n ’ur daoine uaisle; ach sibh nach ’eil. Feumaidh sibh a dhol bliadhna no dha do ’n sgoil-mhodha mu ’n urrainn sibh a dhol an cuideachd nan uaislean. Ach ma bhios sibh glic, deanadach, measail oirbh fein, ciuin, siobhalta ris gach neach, agus a’ gabhail comhairle ’ur leas o gach neach a bheir dhuibh i, cha ’n eagal nach fhaigh sibh air aghaidh. Nis, cho fad ’s is aithne dhomhsa is e bruidhinn car a’s fhearr a ni sibh. Neo-ar-thaing nach dean sibh bruidhinn; agus nan deanadh bruidhinn feum cha b’ eagal duibh. Tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is minic a thainig guth mor a balg fas.” “Is labhrach na builg fhas.” Thug mi fanear riamh o thainig cuimhne thugam gur e ’m fear bu mho theireadh bu lugha dheanadh. Tha na paipeirean naigheachd an deigh ’ur cinn a chur troimh a cheile. Tha moran mhearachd anns na paipeirean naigheachd; ach bheir sibhse barrachd mhearachdan asda na th’ annta, do bhrigh nach aithne dhuibh an leughadh. O ’n a ni sibh bloidheachas leughaidh, tha duil agaibh gur urrainn sibh deagh Bheurla a labhairt. ’S e th’ ann, cha ’n ’eil aon chuid Beurla no Gàilig agaibh. Ged a gheibheadh sibh baile fearainn cha b’ urrainn sibh comhradh a chumail suas ann an Gailig fad ceathramh na h-uaire. Nach ’eil so nàr ri ’innseadh? Cha tugainn bonn-a-h-ochd air fear sam bith a rugadh ’s a thogadh anns a Ghaidhealtachd mur a labhair ’s mur a leugh e Gàilig air neo-ar-thaing. Ach tha sibh air fas cho Gallda anns gach doigh ’s gu feum a’ Ghàilig fhein a bhitheas agaibh a bhith Gallda! Thachair fear dhibh rium an latha roimhe, agus thuirt mi, “Tha latha briagha ann an diugh, a Sheumais.” “Tha latha splendid ann gun doubt. Nach ’eil na h-April showers air an talamh fhagail cho moist ’s gu bheil gach flower a’ togail an ceann ri teas na greine,” arsa Seumas. “Am bheil iad air ghluasad agaibh,” arsa mise. “Ma ta, cha ’n ’eil. Tha Iain gle shlack o ’n a ghabh e ’n inflamation anns na lungs toiseach Mharch. Tha e fuireach fiadhaich delicate, agus cha ’n ’eil appetite idir aige. Tha e toirt concern mor do m’ mhàthair. Tha mi fhin car anxious mu dheidhinn cuideachd.” An uair a chuala mi na briathran so cha mhor nach do leum mo nadur orm. Thionndaidh mi air falbh, agus dh’ fhag mi ann an sid e. Nis, ’illean, an cuala sibh riamh a leithid so de Ghàilig aig ’ur n-athraichean, no aig ’ur seanairean? Sibh nach cuala. Tha mi creidsinn gur anns a bhaile-mhor a dh’ ionnsaich sibh an doigh labhairt so, mar a dh’ ionnsaich sibh iomadh cleachdadh eile a b’ fhearr dhuibh uaibh na agaibh. Chuala mise mu na h-uile car a bha sibh a’ cur dhibh anns a’ bhaile-mhor. An uair a bhiodh an obair latha seachad ’s a ghlanadh sibh sibh-fein, ’s a ghabhadh sibh cupan ti, rachadh sibh gu ceann na drochaid, agus an uair a bheireadh sibh greis mhath air seanachas rachadh sibh do ’n taigh-osda. Bhiodh sibh ann an sin ri ol, ri comhradh amaideach, ’s ri baoth-shugradh gus an iarradh fear an taigh-osda oirbh aig aon uair deug a bhith ’gabhail a mach. Mar so bha sibh a’ cosg a h-uile sgillinn a bha sibh a cosnadh. Nach mor a b’ fhearr dhuibh ma bha tasdan no sia-sgillinn a chorr agaibh a chur anns a’ bhanca. Tha ’n sean-fhacal ag radh, “Coisinn mar is urrainn duit, ’s na cosg ach mar is eiginn duit.” Tha ’n doigh agaibhse calg-dhireach an aghaidh so. ’S e ’th’ agaibhse, cosg mar is urrainn duit, ’s na coisinn ach mar is eiginn duit. Nan robh ciall no mothachadh annaibh chuireadh sibh an t-airgiod a tha sibh ag ol ’s a’ caitheamh ann an nithean eile gun fheum, dhachaidh thun ’ur parantan. Cha bhi guth no iomradh air athair no air mathair, air piuthair no air brathair, an uair a shuidheas sibh mu ’n bhord-oil. Thachair athair fir dhibh rium latha, agus dh’ fheoraich mi an robh e ’cluinntinn ciamar a bha cuisean a dol le ’mhac. “Ma ta,” ars’ esan, “tha nàire orm innseadh dhuibh nach d’ fhuair sinn ach da litir uaithe o ’n a dh’ fhalbh e, bhliadhna ’n earraich so ’chaidh. Tha sinn a’ cluinntinn o dhaoine eile gu bheil e beò, slàn. Cha do chuir e fiu a’ phuinnd thi gu ’mhathair o chionn bliadhna. Tha fhios aige gu bheil sinn gle éiseil anns na bliadhnachan cruaidhe so, agus dh’ fhaodadh e bhith air poca mine no dha a chur thugainn. Ma tha e cosnadh airgid cha ’n ’eil fhios againne ciod e tha e ’deanamh ris. Ged tha mise ’gearain air mo mhac fhin, tha e coltach gu bheil a cheart uibhir a dh’ aobhar gearain aig athraichean eile. Chuala mi gu bheil mac Aonghais Bhàin air a dhol thun na dunach buileach. Ged a bha deagh thuarasdal aige roimhe so cha do chuir e sgillinn ma seach. Tha e nis na dhiol-deirce truagh, gun an t-aodach slàn m’a dhruim, a’ falbh o shraid gu sraid feuch an tachair fear-duthchadh ris a bheir dha sia-sgillinn no tasdan an iasad. B’ e sin iasad caillich gun diasan an t-iasad a gheibheadh esan. Tha mi ’g radh ribh gu ’m bu cho math a dh’ iomadh màthair is athair nach fhaca iad mac no nighean riamh.” Ciod a their sibh ris a’ chuis a nis? Na biodh duil agaibh gu soirbhich le mac no le nighinn a bhios suarach mu athair no mu mhàthair. Thugaibh urram do ’r parantan. Cuimhnichibh gur iomadh latha ’bha ’ur n-athraichean fliuch, salach, fuar, sgìth an àm a bhith ga ’r togail ’s ga ’r n-àrach. Cha b’ iad ’ur màthraichean dad bu lugha fhuair de ’r dragh. Is iomadh latha is oidhche a dh’ altruim, ’s a nigh, ’s a ghlan, ’s a laimhsich iad sibh. Ma dh’ fhaodte nach bi aca air son an dragha ach bron agus bristeadh-cridhe. Cha ’n fhaod a bhith gu ’m bi sibhse ’n ’ur meadhon air ni cho eucorach a dheanamh ri cridheachan ’ur n-athraichean ’s ’ur màthraichean a bhristeadh. Cha bhi ’n corr eatorrainn an diugh, oir cha mhath leam a bhith tuilleadh ’s trom oirbh anns a’ cheud dol a mach. “Is fheairrde brà a breacadh agus gun a bristeadh.” Ma bhios mi beò a bheag a dh’ ùine innsidh mi rud no dhà eile dhuibh nach misde sibh a chluinntinn. Is mi bhur dearbh charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Tha e muladach ri innseadh gu ’m bheil moran dhaoine ann a tha ’gabhail a’ cheart uiread de thlachd ann an sgainnil, ann am mi-chliù, ann am breugan, ann an tuaileas, ann am mi-rùn, ann an cul-chàineadh, agus ann am farmad ’s a tha ’m fitheach a’ gabhail anns na closnaichean marbha, breuna, làn de dhroch bholtrach, a thachras ris air a chuairt troimh ’n fhàsach. [TD 314] [Vol. 9. No. 41. p. 2] O Chionn Tri Fichead Bliadhna Le Iain. CAIB. XIX. “A’ BHANAIS MHAGAIDH.” ANN an iomadh dòigh thàinig mòran atharr achaidh air cleachdadh agus gnàths an t-sluaigh o chionn tri fichead bliadhna, agus is e aon de na h-atharrachaidhean so gu ’n deachaidh an cleachdadh ris an cainte “a’ bhanais mhagaidh” gu buileach air chùl o chionn fada. Ma bha no nach robh an cleachdadh so cumanta air feadh na Gaidhealtachd gu léir, cha ’n urrainn duinn a ràdh; ach tha fhios againn gu ’n robh e cumanta gu leòr anns na h-Eilean an Iar fada roimh an àm air am bheil shin ag iomradh. Agus ged a bha e ann an tomhas mòr air a dhol bàs o chionn tri fichead bliadhna, o’n a thachair e ann an co-cheangal ris an sgeul a tha sinn ag aithris, agus o’n a bha e ’na mhathair-aobhair air cealgaireachd agus eas-onair a’ mhaoir a thoirt gu soilleir gu follais, cha bhiodh e as an rathad dhuinn beagan fiosrachaidh a thoirt seachad m’a dheidhinn. An uair a phòs Tearlach ruadh nighean a’ mhaoir, rinneadh, mar a bha cumanta gu leòr anns an àm, banais mhòr dhaibh. Bha am maor gu math air a dhòigh anns an àm, agus ged nach bitheadh, dh’ fheumadh e, gus cleachdadh na dùthchadh a chumail suas, a’ cheud bhanais a bhiodh ’na thaigh a dheanamh cho mòr ann an cuideachd, agus cho pailt ann am biadh ’s an deoch ri banais sam bith a bhiodh anns an dùthaich. Ach o’n a bha am maor agus a theaghlach ’g am meas fhein ro àrd os cionn a’ chumanta, chuir iad rompa nach tugadh iad cuireadh thun na bainnse do neach sam bith ach do na daoine a b’ fhearr na chéile a bha anns an dùthaich. Is e a’ mheud-mhòr a thug orra so a dheanamh, agus mar is minic a thachair, chuir a’ mheud-mhor an dunaigh mu ’n cinn ’s mu ’n casan air a’ cheann mu dheireadh. An uair a bhios cleachdadh sam bith fad ùine mhor cumanta am measg dhaoine, co dhiubh a bhios e ’na chleachdadh math no òlc, cha bhi iad deònach dealachadh ris; agus faodaidh an duine a bhristeas air a bhith cinnteach gu ’n coisinn e diumbadh gu leòr dha fhein. Bha e ’na chleachdadh aig an àm ud gu ’m faigheadh a h-uile teaghlach a bheireadh seachad cuireadh gu banais, cuireadh o’n mhuinntir do’n d’ thug iad cuireadh, an uair a bhiodh banais aca. Agus o’n a bha am maor ’s am baillidh ann an ughdarras ann an co-cheangal ris na nithean a bhuineas do ’n bheatha so, cha robh pòsadh, no cruinneachadh urramach sam bith eile air nach biodh am maor agus am baillidh, agus an teaghlaichean, nam b’ fhiach leotha a dhol ann. An uair a leughas daoine na briathran so their iad gu ’n robh na Gaidheil a bha beò o chionn tri fichead bliadhna giodalach sodalach, brosgalach ris na maoir, ris na baillidhean, agus ris na h-uachdairean. Ach mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is fhada bhios fear o’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.” Tha sluagh an latha ’n diugh a’ cheart cho fad’ air an ais anns an ni so ’s a bha ’n sluagh ’s an àm a dh’ fhalbh. Ma bhios maor, no baillidh, no fear sam bith eile a tha ann an rud-eiginn de dh’ ughdarras ag iarraidh a bhith air Bord na sgoile, no ann an Comhairle na Sgìreachd, no ann an dreuchd sam bith eile a bhuineas do ghnothaichean na beatha ta lathair, faodar a bhith cinnteach gu ’n toir àireamh mhòr dhe’n t-sluagh dhaibh a h-uile cuideachadh a ’s urrainn daibh, co dhiubh a bhios iad freagarrach air son na h-obrach a tha iad a’ gabhail os laimh no nach bi. Tha iad ’ga dheanamh so air ghaol buannachd aimsireil fhaotainn dhaibh fhein. Agus gus an fhìrinn innseadh gu saor, soilleir, ma bhios ministear no baillidh ag iarraidh fabhair sam bith air an t-sluagh, faodar a bhith cinnteach gur e am baillidh a gheibh am fabhar an toiseach, cha ’n ann a chionn gu ’m bheil e ’na fhear-dreuchd na’s fhearr na am ministear, ach a chionn gu ’m faigh iad buannachd aimsireil air saillibh a bhith air taobh a’ bhaillidh. So mar a thachair o chionn tri fichead bliadhna an uair a bha am maor agus a theaghlach air an cuireadh a dh’ ionnsuidh a h-uile banais a bha anns an dùthaich. Agus an uair a bha an nighean bu shinne aig a’ mhaor a’ dol a phòsadh bha gach aon a thug cuireadh dhaibh gu banais an duil gu ’m faigheadh iad fhein cuireadh gus a dhol gu banais nighean a’ mhaoir. Ach cha mhor dhiubh a fhuair cuireadh. O nach robh banais nighean a’ mhaoir ann an iomadh dòigh ach coltach ris na bainnsean eile a bha anns an dùthaich, cha ruigear a leas a’ bheag a radh mu deidhinn. Anns an àm, cha b’ ann oirre a bha sluagh na dùthchadh a’ bruidhinn ach air a’ bhanais-mhagaidh. Latha no dhà roimh ’n bhanais choinnich àireamh bheag dhe na gillean òga nach d’ fhuair cuireadh thun na bainnse, agus rinn iad suas eatorra fhein gu ’n deanadh iad “banais-mhagaidh.” Leig iad gu bog balbh fios air feadh nam bailtean ciod a bha ’nam beachd a dheanamh, agus shuidhich iad gu ’n cruinnicheadh iad air an raonaidh a bha air beulaobh taigh a’ mhaoir. Ach gus an tuilleadh dragh agus mi-thoileachadh a chur air muinntir a’ mhaoir, chum gach aon aig an robh fios air mar a bha gnothaichean gus a bhith an diomhaireachd cho math ’s nach cual’ aon chuid am maor no a chàirdean guth no iomradh air a’ chùis. Anns an àm anns an robh sgiobadh na bainnse, agus na càirdean a fhuair cuireadh ’nan suidhe aig a’ chuirm shòghmhoir a chaidh a dheasachadh dhaibh, agus iad gu subhach, sunndach, cridheil ag itheadh ’s ag òl ’s a’ comhradh gu càirdeil ’nam measg fhein mar bu ghnath do chuideachd dhe’n t-seorsa bhith, chualas iolach àrd, agus ceol fonnmhor na piobadh am muigh air an raonaidh. Sheall na bha ’nan suidhe aig bòrd na bainnse air a chéile le aghaidhean air nach robh coltas aoidheil sam bith. Thuig iad anns a’ mhionaid gu ’n robh a’ “bhanais-mhagaidh” air a bonn am muigh air an raonaidh, agus ghabh iad amhrus anns a’ mhionaid gu ’m faodadh gu ’m biodh, mar is minic a thachair, tuasaid gu leòr eadar na daoine do ’n d’ thug am maor cuireadh, agus na daoine a bha am muigh air an raonaidh aig a’ “bhanais-mhagaidh.” Cha do thuig am maor agus a theaghlach gu ro mhath aig an àm ciod bu chiall do ’n cheol ’s do’n dannsa ’s do ’n ard-iolaich a bha am muigh air an raonaidh; oir cha robh iad ùine fhada anns an dùthaich, agus cha do thachair gu ’n robh “banais-mhagaidh” anns an dùthaich o’n a thàinig iad innte. Ach bha iomadh neach aig a’ bhord a thuig gle mhath ciod a b’ aobhar gu ’n robh a leithid de chruinneachadh sluaigh am muigh. Cha do leig iad dad orra ged a bha ’n gnothach a bh’ ann a’ cur dragh gu leòr orra. A reir a’ chleachdaidh a bha ’dol anns an àm, bha aig a’ phears eaglais a dheanadh am pòsadh ri suidhe aig ceann bord na bainnse mar “uachdaran na cuirme,” gus riaghailt a chumail air an t-sluagh. Bha fhios aigesan gle mhath ciod bu chiall do ’n obair a bha am muigh air an raonaidh; oir bha e ’na sheann duine, agus bha e moran bhliadhnachan anns an àite. An uair a thug e an aire gu ’n robh na daoine a bh’ ann an taigh na bainnse a’ fàs corrach ’nan inntinn thug e comhairle orra gu ’n suim sam bith a chur anns an iorghaill a bha ’muigh air an raonaidh. Thuirt e riutha nach robh anns a’ chuideachd ach baothairean de dhaoine òga gun mhodh, gun smachd a bha mi-thoilichte a chionn nach d’ fhuair iad cuireadh thun na bainnse, agus gu ’m b’ fhearr do na h-uile duine leigeadh leotha a bhith ’cur nam both dhiubh am muigh air a’ chnoc gus am biodh iad seachd sgìth. Ach ged a ghabh iad a chomhairle fhad ’s a bha e anns a’ chuideachd, cha bu luaithe dh’ fhalbh e na thòisich na bh’ ann an taigh na bainnse ri fàs gle chorrach ’nan inntinn. Bha ’n ceòl ’s an dannsa ’s a’ ghlaodhaich a bha aig a mhòr-chuideachd a bh’ air an raonaidh ’g am brosnachadh gu droch nàdar. A bharrachd air so, bha ’n deoch làidir tuilleadh is pailt; oir chuir am maor roimhe, an uair a thuig e mar a bha cùisean, gu ’n tugadh e dhaibh na dheanadh gu math cridheil iad. Bha e ’n duil gu ’n tugadh e air na bh’ anns an taigh, le pailteas dhe’n deoch làidir a thoirt dhaibh, gu ’n dol a chur dragh sam bith air na daoine aotrom, amaideach a bha air an raonaidh. Ach an àite an aimhreit a bha air thuar eirigh a bhàthadh leis an deoch làidir, mar a bha e an dùil, is ann a bha e ’g a beothachadh. Ma bha ’n deoch làidir pailt ann an taigh a’ mhaoir an oidhch’ ud, bha i a’ cheart cho pailt aig an fheadhainn a bh’ air an raonaidh. Agus o nach robh iad a’ gabhail bìdh, chaidh na bha iad ag òl cho mòr ’nan cinn ’s gu ’n robh iad an impis a bhith air mhearainn leis a’ mhisg. Ach cha b’e na dh’ òl iad a thog an aimhreit air a’ cheann mu dheireadh ach an co-fhaireachadh bha eadar cuid dhe na bha ann an taigh na bainnse agus an fheadhainn a bha ’deanamh na “banais-mhagaidh.” Mu ’n robh a’ “bhanais-mhagaidh” dà uair an uaireadair aig ceòl ’s aig dannsa, is gann gu ’n robh duine òg dhe na bha ann an taigh na bainnse nach deachaidh gu bog, balbh am mach as an taigh thun na “banais-mhagaidh.” B’ fhearr leotha gu mòr a bhith anns a’ chuideachd aotrom, bhaoth a bha ’cluich ’s a’ gabhail a’ chaoich air an raonaidh na bhith anns an taigh anns an robh a’ chuirm agus na h-uaislean beaga a fhuair cuireadh thun na bainnse. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, is e thainig as a’ chùis air a’ cheann mu dheireadh gu ’n deachaidh triuir no ceathrar dhe na daoine aig an robh meas mòr air a’ mhaor am mach, agus iad air fàs tuilleadh is blàth le uisgebeatha, gu smachd a chur air an fheadhainn a bh’ air an raonaidh. Ach cha ghabhadh iad smachd uapa. Ann an tiotadh bha àireamh dhiubh ann an uignean a chéile mar gu ’m biodh na coin ’s na cait. Cha robh ciall no reusan ann an aon seach aon dhiubh agus mu ’n d’ fhuaradh sìth a chur orra bha ’n àireamh bu mhò dhiubh agus am fuil gu talamh. Bha Tearlach ruadh—fear na bainnse—air a ghearradh ’s air a bhruthadh cho mor ’s gur gann a dh’ aithnicheadh duine e. Is minic a thainig math as an olc. Agus ged a bha banais Thearlaich ruaidh ainmeil gu leòr air shaillibh na tuasaid agus na h-iorghaill a thog a’ “bhanais-mhagaidh,” rinn an t-Uachdaran lagh, an uair a chual’ e mar a thachair, gu ’n rachadh càin throm a leagadh air na h-uile a thogadh tuasaid dhe ’n t-seorsa rithist. Chuireadh mar so [TD 315] [Vol. 9. No. 41. p. 3] crìoch air a’ chleachdadh shuarach ud a thogail eadar theaghlaichean, agus eadhoin eadar chàirdean. Agus bha ’n t-àm ann. Ged a tha iomadh gnothach gòrach mi-riaghailteach a’ tachairt ’nar measg-ne, agus ged a bhios sinn gu tric a’ smaointean gu ’m bheil cùisean na ’s miosa ’nar latha fhein na bha iad ’san aimsir a dh’ fhalbh, bu choir dhuinn a chuimhneachadh gu ’m bheil dòighean agus beachdan an t-sluaigh an diugh na ’s fhearr na bha iad riamh roimhe. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. IX. GED a chuir na dhaoine a chuir Sinebi air falbh gus Alcolomb agus a mathair fhuadach am mach a Damascus ann an tomhas an t-ordugh a fhuair iad an gniomh, cha robh iad cho deas gus gach ni a dheanamh mar a dh’ ordaich Haroun Alraschid ’sa bha Sinebi fhein. Thug iad airgiod do na mnathan truagha gus biadh a cheannach, agus thug iad dhaibh poca an te gus am biadh a ghiulan. Anns an t-suidheachadh thruagh so thainig iad gu baile beag. Chruinnich mnathan a’ bhaile mu ’n timchioll, agus ged a bha iad ann an suidheachadh truagh, dh’ aithnich iad gu ’m bu bhoirionnaich iad a bha aon uair ann an suidheachadh cothromach. Agus dh’ fheoraich iad dhiubh c’ar son a bha iad a’ siubhal troimh ’n duthaich am freasdal leine de dhroch aodach. An aite freagairt a thoirt do ’n cheisd a chuireadh orra, is ann a thoisich iad ri caoineadh. Thug so air sluagh a’ bhaile gu ’n robh am barrachd ioghnaidh orra, agus gu ’n do ghabh iad am barrachd truais dhiubh. Dh’ innis mathair Ghanem dhaibh a h-uile car mar a thachair dhi fhein agus dh’ a nighinn. Chuir so doilghios mor air mnathan a’ bhaile, agus dh’ fheuch iad ri comhfhurtachd a thoirt dhaibh. Nochd iad dhaibh a h-uile comhfhurtachd is caoimhneas a b’ urrainn daibh. Thug iad dhiubh na leintean a bha umpa agus thug iad dhaibh leintean is brogan is aodach cuim, agus comhdach cinn cho math ’s a bh’ aca. Thug Alcolomb agus a mathair moran taing do na mnathan a bha cho fior chaoimhneil riutha, agus dh’ fhalbh iad as a’ bhaile, agus ghabh iad an rathad bu ghiorra gus a dhol do Alepo. An uair a thigeadh an oidhche bhiodh iad a’ dol do na h-eaglaisean, far am biodh iad a’ cur seachad na h-oidhche ’nan sineadh air an lar-bhrat, nam biodh e ann, ar neo air an urlar lom. Agus air uairibh bhiodh iad a’ cur seachad na h-oidhche anns na h-aon taighean ri luchd turuis eile. Cha robh dad de chion bidh orra, oir thachair dhaibh a bhith gu tric ann an aiteachan anns am biodh daoine bochda a bhiodh a’ siubhal troimh ’n duthaich a’ faotainn bidh dhe gach seorsa an nasgaidh. Mu dheireadh thainig iad gu Alepo. Ach cha ’n fhanadh iad ann. Ghabh iad air an aghart gus an d’ rainig iad amhainn Euphrates. Chaidh iad tarsuinn na h-aimhne gu ruige Mesopotamia, agus as a sin ghabh iad air an aghart gus an d’ rainig iad Mosoul. Agus as an sin, a dh’ aindeoin gach uidil is sgios a dh’ fhuiling iad, ghabh iad air an aghart gu ruige Bagdad. B’ ann do ’n aite so a chuir iad rompa a dhol an uair a dh’ fhalbh iad a Damascus o’n a bha dòchas aca gu ’m faigheadh iad Ganem ann, ged nach robh e coltach gu ’n smaoinicheadh iad gu ’m biodh e anns a’ bhaile anns an robh an righ a’ fuireach. Ach bha dochas aca gu ’n tachradh e riutha anns a’ bhaile do bhrigh gu’m b’e so am miann. A dh’ aindeoin gach mi-fhortain a bha ’tachairt riutha, bha iad a’ sior fhas na bu mhiudhaile air Ganem. Bhiodh iad an comhnuidh a’ bruidhinn air agus a’ feorach m’ a dheidhinn dhe gach neach a thachradh riutha. Ach fagaidh sinn a nis Alcolomb agus a mathair far am bheil iad, agus bheir sinn iomradh air Fetnah. Bha i anns a’ phriosan dhorcha riamh o’n latha dhealaich i fhein is Ganem. Ach ged a bha ’m priosan gle neo-thlachdmhor leatha, cha robh e ’cur a leith uiread de dhoilghios oirre ’s a bha na smaointeanan a bha ’g eiridh suas ’na cridhe a thaobh Ghanem, agus gach mi-fhortan a bha i cinnteach a thainig ’na rathad. Agus o nach robh fhios aice ciod a thachair dha, bha ’cridhe gu bristeadh leis a’ bhron. Bha i ’g a chaoidh gun fhois gun tamh. Bha e mar chleachdadh aig an righ a bhith gu tric a’ falbh air an oidhche mu ’n cuairt na luchairt feuch ciod a chitheadh no chluinneadh e; oir bha e ’na dhuine cho farraideach ’s a bha air an t-saoghal. Agus bu tric a thachair dha fios fhaotainn air an doigh so air iomadh rud a bhiodh a’ tachairt anns an luchairt air nach fhaigheadh e fios air dhoigh sam bith eile. Air aon de na h-oidhcheachan so thachair dha a dhol seachad air a’ phriosan dhorcha. Ar leis gu ’n cual’ e cuideiginn a’ bruidhinn, agus sheas e, agus an sin thug e ceum na bu dluithe do dhorus a’ phriosan feuch ciod a chluinneadh e. Chual’ e math gu leor na briathran so a bha Fetnah a’ labhairt, agus a smaointeanan, mar bu ghnath leotha, suidhichte air Ganem. “Oh Ghanem, a Ghanem mhi-fhortanaich! C’ ait’ am bheil thu aig an am so? Co ’n taobh a threoraich an cruaidh fhortan thu? Ochan! is mise a dh’ fhag cho truagh thu! C’ar son nach do leig thu leam basachadh gu truagh an tiodhlacadh beo na aite mo bheatha shabhaladh dhomh? Nach muladach ri innseadh an duais a fhuair thu air son gach curam is urram a nochd thu dhomhsa! Tha ceannard nan creidmheach ’g ad gheur-leanmhuinn an aite duais a thoirt dhut. Agus a chionn gu ’n do ghluais thu thu-fhein gu measail modhail, moralta do mo thaobh-sa, thugadh uat do chuid de ’n t-saoghal, agus b’ eiginn dhut fhein teicheadh le do bheatha. Oh ’righ, a righ chruaidh-chridhich, ciod a their thu gus do leithsgeul a ghabhail an uair a sheasas tu comhladh ri Ganem aig cathair an Ard-bhreitheamh, agus a dh’ innseas na h-ainglean an fhirinn ’na do lathair? Cha dean an cumhachd mor a th’ agad an drasta, agus a tha ’toirt air sluagh an t-saoghail a bhith criothnachadh romhad, do chumail an uair ud o dhiteadh agus o pheanas air son gach foirneart agus eucoir a rinn thu.” Cha dubhairt Fetnah an corr; oir chuir a deoir agus a h-osnaichean stad air a cainnt. Bu leor na briathran so a chual’ an righ gus toirt air toiseachadh ri smaointean air mar a rinn e. Thuig e gu math, ma bha na chual’ e fior, gu ’n robh Fetnah neo-chiontach, agus gu ’n robh e fhein tuilleadh is grad an uair a thug e ordugh dioghaltas trom a dheanamh air Ganem agus air a luchd-daimh. O’n a bha toil aige fios cinnteach fhaotainn mu dheidhinn gnothaich a bhuineadh do riaghladh ceart agus cothromach—agus bha e a’ creidsinn nach robh righ sam bith a’ riaghladh cho ceart agus cho cothromach ris fhein—ghrad thill e steach d’ a sheomar fhein, agus anns a’ mhionaid thug e ordugh do Mhesrour a dhol do’n phriosan dhorcha, agus Fetnah a thoirt d’ a ionnsuidh. An uair a fhuair Mesrour an t-ordugh so, thuig e air an doigh anns an do labhair an righ gu ’n robh e gus mathanas a thoirt dhi, agus gus a gabhail a rithist g’ a ionnsuidh. Thug so toileachadh mor dha, oir bha meas mor aige air Fetnah, agus bha doilghios mor air a chionn i bhith ann am priosan. Agus uime sin air dha greasad do ’n phriosan thuirt e rithe, agus coltas aoidheil air, “A bhainrighearna, lean mise, ma ’s e do thoil e; tha mi ’n dochas nach till thu tuilleadh do ’n phriosan so. Tha toil aig ceannard nan creidmheach bruidhinn riut, agus tha sin ’na chomharradh math leam.” Lean Fetnah Mesrour as a’ phriosan a steach do sheomar an righ. Leig i i-fhein ’na sineadh air a bheulaobh, agus i ’sileadh nan deur gu frasach. Cha d’ iarr an righ oirre eirigh, ach thuirt e, “Fhetnah, tha mi ’tuigsinn gu ’m bheil thu ’cur foirneart agus eucoir as mo leith-sa. Co am fear a tha ann an staid thruaigh, a dh’ aindeoin gach tlachd agus meas a bh’ aige dhiomsa? Innis dhomh gu saor soilleir. Tha fhios agad gu ’m bheil mi gu nadarra caoimhneil truacanta, agus gur e mo thlachd ceartas a dheanamh.” Thuig Fetnah gu soilleir o na briathran so gu ’n cual’ an righ na thubhairt i; agus o’n a bha toil aice an cothrom math so a ghabhail gus a dhearbhadh gu ’n robh Ganem neo-chiontach, thuirt i, “A cheannaird nam fior chreidmheach, ma labhair mi briathran sam bith nach do chord ri bhur morachd, tha mi ’guidhe gu h-umhail oirbh gu ’n toir sibh dhomh mathanas. Ach is e Ganem, am mac mi-fhortanach aig Abou Aidhoub, marsanta a Damascus, an duine neo-chiontach, truagh mu ’m bheil sibh ag iarraidh fiosrachadh. Is esan a shabhail mi gu tearuinte o gach cunnart ’na thaigh. Feumaidh mi aideachadh gu ’n robh ’chuis coltach, gu ’n robh ’na bheachd, o’n cheud shealladh a chunnaic e dhiom, e-fhein a thoirt seachad gu buileach dhomh, agus gu ’n robh e ’smaoineachadh gu ’n tugainn-sa mo lamh agus mo chridhe dha. Thuig mi so o ’n doigh anns an robh e cho deas gus a h-uile toileachadh a thoirt dhomh, agus gach frithealadh air an saoileadh e am biodh feum agam. Ach cho luath ’s a chual’ e gu bu leibhse mi, thuirt e, “A bhain-tighearna, an ni a bhuineas do ’n mhaighstir, tha e ar a thoirmeasg do ’n seirbhiseach.” O ’n mhionaid ud chum e ris na briathran a labhair e, agus ghluais e e-fhein cho iomchuidh ’s a b’ urrainn a bhith. Ach air a shon sin, a cheannaird nam fior chreidmheach, tha lan fhios agaibh gu ’n d’ fheuch sibh anabarrach cruaidh ris, agus feumaidh sibh cunntas a thoirt seachad air a shon aig cathair breitheanais Dhe.” Cha robh diumbadh sam bith aig an righ air Fetnah a chionn cho saor ’s a dh’ innis i a h-inntinn dha. “Ach am faod mi earbsa a chur anns a’ bharantas a thug thu dhomh air deadh bheus Ghanem?” ars’ an righ. “Faodaidh gu dearbh,” arsa Fetnah. “Cha chumainn an fhirinn an cleith oirbh air son an t-saoghail. Agus mar dhearbhadh dhuibh gu ’m bheil mi ag innseadh na firinn, feumaidh mi aideachadh a dheanamh dhuibh, agus faodaidh e bhith nach cord e ribh. Ach tha mi roimh laimh ag iarraidh mathanais air bhur morachd.” “Labhair, a nighean,” arsa Haroun Alraschid, “tha mi ’toirt mathanais dhut air chumhnanta nach cum thu rud sam bith an cleith orm.” (Air a leantuinn air taobh 318). [TD 316] [Vol. 9. No. 41. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, APRIL 12, 1901. THA dòigheannan Uilleim, Iompaire na Gearmailt, aig an àm so a’ cur iomguin air a chuid iochdaran fein, ’s air muinntir na Roinn-Eòrpa air fad. Tha e ’deanamh ’s ag ràdh iomadh ni nach eil a’ nochdadh moran tuigse, agus tha fathunn a dol mu ’n cuairt gur e ’s coireach ri sin gu bheil e air a dhol car air aimhreit ’na inntinn. Tha e ’na dhuine an-fhoiseil, a tha gle throm air féin ann an obair, agus cha ’n eil e ach ann an droch shlàinte moran dhe ’n ùine. Tha na nithean sin, a reir an t-seanachais, an deigh inntinn a lagachadh ’sa chur beagan troimhe-chéile. Tha dòchas aig daoine nach eil an seanachas sin fior; ach feumar aideachadh gu bheil tomhas mor de choltas na firinn air. THA ceannairc eile air bristeadh a mach ann an Sina. Ann am mor-roinnean Mongolia agus Shen Si tha mu aona mile deug saighdear, fo cheannardachd an t-Seanalair Tung Fu Sian, a’ cur rompa an teaghlach rioghail agus an riaghladh a chur á dreuchd. Thatar a’ deanamh a mach gu bheil lamh aig Prionnsa Tuan anns a’ ghnothuch, ged nach eil e-féin air lom fhathast. Tha a’ chuid sin de na Sineich a ghabhas orra fein labhairt, ag amharc air a cheannairc so mar ni mi-fhortanach, a chuireas call mor air an dùthaich. Ach cha ’n eil teachdairean nan rioghachdan Eòrpach ro-chùramach mu ’n chùis idir. Tha iad dhe ’n bharail na ’n robh an teaghlach rioghail as an rathad, gum biodh e gu math na b’ fhurasda dhaibhsan cùisean a réiteachadh na tha e aig an àm so. THA Iapan a’ dol ’na cabhaig a thaobh mar a tha Ruisia ag obrachadh ann an Sina. Tha i a’ tuigsinn gu math gur e tha fa-near do Ruisia, ma ’s urrainn dhi a dheanamh, uachdaranachd fhaotainn dhi fein air a mhor chuid de Shina, agus ma theid sin leatha nach bi aig Iapan ’s aig na dùthchannan eile tha faisg air Sina ach an droch cheartas. Tha Iapan, uime sin, air son a casg mu ’n teid i tuilleadh us fad air adhart. Chuir i teachdaireachd gu St. Petersburg o chionn ghoirid, agus cha d’ fhuair i fios-freagairt a thaitinn rithe. Tha i nise ’n deigh teachdaireachd eile chur dh’ an àite cheudna, agus mur faigh i fios-freagairt a chòrdas rithe, tha i ’bagairt trioblaid a dheanamh. A reir coltais tha i faicinn gu bheil aice ri a còirichean féin a sheasamh an aghaidh Ruisia uair no uair-eigin, agus gur ann mar is luaithe ni i sin a’s fhearr. Cha ’n eil fhios nach eil i cuideachd a’ smaoineachadh gu bheil i na ’s cinntiche á cuideachadh fhaotainn o rioghachdan eile aig an àm so na bhitheadh i beagan bhliadhnaichean an deigh so. THA luchd-àireamh an t-sluaigh a’ tòiseachadh air an obair, agus cha ’n fhada gus an taghail fear dhiubh air gach teaghlach ’san dùthaich. Tha àireamh mhor cheistean aca ri chur. Faodaidh cuid a bhi smaoineachadh gur ceistean gun fheum cuid dhiubh, ach tha iad uile airidh air freagairt. Tha moran fiosrachaidh a dhith air daoine thaobh na dùthcha agus an t-sluaigh nach gabh faotainn ma chumas cuid air ais pàirt de ’n fhiosrachadh a tha ’nan comas féin a thoirt seachad. ’S i a’ chomhairle bheireamaid air ar luchd-leughaidh iad a fhreagairt gach ceist a chuirear orra gu firinneach, soilleir, ged a b’e aon de na ceistean sin—“Am bheil thu pàigheadh a MHAC-TALLA?” THA na Breatunnaich a sior chosnadh ann an Africa mu Dheas. Cha ’n eil de neart aig na Boerich na chuireas a’ bheag de thilleadh air arm tuilleadh, agus faodar a bhi ’g amharc a mach air son crioch na còmhstri an ùine ghearr. Tha DeWet fhathast a’ seasamh a mach, ach tha a luchd-leanmhuinn a fas na ’s gainne gach latha; tha moran dhiubh ’ga fhàgail ’sa toirt an dachaidhean orra. Chaidh Pietersburg—am baile anns an robh an “riaghladh” Boerach a tuineachadh o’n chaill iad Pretoria—a ghlacadh air an t-seachdain s’a chaidh. A bharrachd air am baile so a bhi na cheanna-bhaile aca, ’s ann a tha an rathad-iaruinn a tha ruith troimh ’n dùthaich a criochnachadh, agus tha a ghlacadh a’ cur an rathaid sin gu h-iomlan an lamhan nam Breatunnach. Bais. Ann an Gisla, Winslow, faisg air Milan, an Cuebec, air an treas latha deug dhe ’n Mhàrt, Coinneach Domhnullach, tri fichead us ceithir bliadhna deug a dh’ aois. Air taobh an Iar Loch Ainslie, C. B., air an darna latha deug dhe ’n Mhàrt, Donnachadh Mac Aonghais, ceithir fichead us tri bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an Lochabar, an Alba, ’sa bhliadhna 1818, agus nuair a bha e naodh bliadhna dh’ aois, thainig a phàrantan do Cheap Breatunn, agus shuidhich iad far an robh esan gu àm a bhàis. Bha e ’na eildear de ’n Eaglais Chleirich an coithional Loch Ainslie o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean, agus bidh fior ionndrain air. Dh’ fhàg e bantrach, triùir mhac agus coignear nighean. Bha e ro-mheasail anns a choimhearsnachd, agus bha sin air a nochdadh leis a chomhlan mor sluaigh a lean an giùlan dh’ ionnsuidh an àite ’s am bheil e nise ’na chadal deireannach a’ feitheamh ri trompaid na h-aiseiridh. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Am Policy a tha cordadh gu math ris gach seorsa dhaoine tha ’n Canada—am policy a tha air a sgriobhadh leis a Confederation Life Association. Is e so am Policy anns am bheil tearuinteachd. Cha ’n eil cumhachan teagmhach sam bith ann. Cha ’n eil ann ach gealltanas pàigheadh. Sgriobh gu ar luchd-gnothuich air son tuilleadh fiosrachaidh. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 317] [Vol. 9. No. 41. p. 5] Naigheachdan. Chaidh fear Eoseph Wood, saor soithich, a mharbhadh ann am Parrsboro Di-mairt s’a chaidh le tuiteam bhar clar-uachdair soithich a thatar a’ togail anns a phort sin. ’S i bhreth a thugadh ann an càs a’ Chuimeinich, gu bheil e air a chur fo urras gu ’n seas e aig a’ Chùirt Mhoir air a mhios s’a tighinn ma chuirear sin mar fhiachaibh air. Cha ’n eil an t-urras ach aotrom—$600.00—agus tha e air a roinn eadar e-fhein agus dithis eile: e-fein $300, agus an dithis eile $150 am fear. Tha na Staidean, airson a criochan a mheudachadh, a’ feuchainn ri dha mo tri dh’ eileanan beaga anns na h-Innsean an Iar a cheannach o Denmarc. Tha Denmarc deònach an creic ach air chumhachan nach eil na Staidean deònach a ghabhail, agus tha riaghladh nan Stàidean a’ fàs feargach mu’n chùis. ’Se ’s dòcha, co-dhiu, gu ’n tig iad gu còrdadh mu ’n ruith moran ùine. Tha an seana chònsachadh a thaobh ruith nan carbadan-iarruinn air tòiseachadh a rithist eadar bailtean Shidni agus Shidni Tuath. ’S e bonn na còmhstri an carbad a bhi ruith a mach ’sa stigh á Sidni Tuath, ’s mar sin a’ cur maille air Sidni. Tha Mr. Blair, co-dhiu, a’ gealltuinn na carbadan a ruith air an t-samhradh so air dhòigh a bheir làn riarachadh do mhuinntir an da bhaile. Tha sinn an dòchas gu ’m bi e ’na chomas a ghealladh a choilionadh. Chaidh an soitheach-smùide bu mhotha chaidh a thogail riamh a chur air sàl ann am Belfast, an Eirinn, Dior-daoin s’a chaidh. Se ’s ainm dh’i an Celtic, agus tha i gu bhi ruith air an Atlantic. Giulainidh i 2,859 de luchd-turuis, agus luchd 3,600 tunna na ’s motha na an Oceania, an soitheach bu mhotha bha air cuan roimhe so. Bidh 335 de sgioba oirre. B’ ainmeil an Great Eastern ’na latha féin, ach cha robh i ach gle bheag an coimeas ris an t-soitheach ùr so. Chaidh luchd-riaghlaidh Halifacs gu dragh mor air an earrach so a feuchainn ri lagh ùr fhaotainn a thaobh creic deoch làidir anns a’ bhaile sin. Anns a bhill a rinn iad a dhealbh bha moran nithean a tha mi-laghail a reir an lagha th’ aca ’n dràsda, ri bhi air an deanamh laghail, agus bha gnothuichean gu bhi gu math aotrom air luchd nan taighean-òil. Ach ’nuair a rainig am bill so tigh na pàrlamaid, cha d’ fhuair e aoidheachd sam bith. Chaidh a thilgeadh a mach gun duine thogail guth air a thaobh. Bha iad ag amharc air mar cheum air ais. Bha sabaid gu bhi ann an Glace Bay oidhche Di-ciaduin eadar Scott agus Martell, dithis dhaoine tha leantuinn na ceairde rinn Iain L. Sullivan cho ainmeil na latha féin. Bhatar ag innse dhaibh gu’n cuirte stad orra leis an lagh, ach bha iadsan a cur rompa dhol air adhart, lagh ann no as. Ach Di-ciaduin chaidh an glacadh ’s an ceangal ris an t-sith gu ceann bliadhna, agus chuir sin stad air an t-sabaid gu buileach. Tha am Bàillidh Burchell, agus comhairle a bhail’ ùir ri ’m moladh air son cho seasmhach ’sa bha iad anns a’ chùis. Bhiodh e na ni maslach a leithid a leigeil air adhart ann an Ceap Breatunn. Tha pris a’ ghuail chruaidh air isleachadh anns na Staidean leth-dolair an tunna. Tha e nise creic o choig dolair gu coig gu leth, na prisean air an robhas gu chreic toiseach a gheamhraidh ’nuair a bha na meinnean nan tàmh. Tha tuiltean mora aca ann an Maine air an t-seachdain so: an sneachd ag aiteabh anns na beanntan, agus an t-uisge tha tigh’nn uaithe ag at nan aibhnichean. Tha an deigh a’ bristeadh air na h-aibhnichean, agus tha moran dhrochaidean air an sguabadh air falbh leatha. Chaidh an stor aig D. J. Moireastan, air an Abhainn a Tuath, a losgadh, o chionn ghoirid, leis gach bathar agus ni eile bha innte. Cha robh urrasachadh aona chuid air an stor no air a bhathar, agus tha an call mu mhile dolair. Cha ’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Tha na bàtaichean a ruith an aiseig eadar an da Shidni o chionn còrr us seachdain. Tha an t-side blàth ach anabarrach fliuch, agus tha na sràidean ’s na ròidean neo-chumanta bog. Cha ’n eil teagamh nach eil lamh aig an deigh mhoir anns an t-side, mar is àbhaist mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. Ann an Tadousac, an Cuebec, bha bean Alasdair Terrlin, agus a coignear chloinne air am bàthadh air an Abhainn Saguenay maduinn Dior-daoin s’a chaidh. Bha an teaghlach a’ tighinn á àite os ceann Saguenay far an robh iad a’ cur seachad a gheamhraidh. Chaidh am bàta anns an robh iad thairis, agus cha d’ fhuair as le ’bheatha ach Terrlin ’na aonar. Tha Hiram Donkin, a bha ’na ard-mhanager air na meinnean guail o chionn àireamh bhliadhnaichean, an deigh an dreuchd sin a leigeil dheth, agus tha fear Christopher Shields á Virginia air a chur ’na àite. Bidh moran duilich Mr. Donkin a bhi fàgail an àite. Bha e anabarrach measail aig na mèinneadairean ’s aig muinntir eile. Tha e ’dol a dh’ fhuireach ann am Montreal. Cha’n eil e suidhichte fhathast càite ’m bheilear ri tòiseachadh air togail shoithichean. A reir aon sgeul bha Halifacs air a shònrachadh, agus a reir sgeul eile ’s ann an Sidni a bhios na h-obraichean air an cur suas. Tha e gle choltach, co-dhiu, nach teid mor-ùine seachad gus am bi na h-obraichean air an suidheachadh an àit-eigin anns na Roinnean Iochdrach, agus ’nuair a bhitheas ni iad feum mor do ’n dùthaich air fad, cha ’n ann a mhàin do ’n phort anns am bi iad. Mar sin faodar leigeil leothasan a tha ’n ceann a ghnothuich an t-àite ’s roghnaiche leotha fein a thaghadh. Tha sgeula muladach a’ tigh’nn as an àirde ’n ear a thaobh sgioba soithich a dh’ fhalbh á Nobha Scotia ’s an fhoghar ’sa chaidh, ’sa bha air a bristeadh astar shia latha bho Mhanilla. Bha àireamh dhe’n sgioba air ràth fad da fhichead latha ’sa dha an deigh do ’n t-soitheach bristeadh. An ceann treis a dh’ ùine chaidh iad uile as an rian leis an acras ’s leis a’ phadhadh, agus thòisich iad air marbhadh ’s air ithe cach a chéile. Bha da dhuine dheug air an ràth an toiseach, ach cha d’ rainig tir beò ach an dithis, Suaineach agus Spàinnteach. Chaidh an ràth air tir leotha so faisg air Borneo, agus chuireadh á sin iad air bord soithich gu Singapore anns na h Innsean. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 318] [Vol. 9. No. 41. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 315). “Gle cheart, ma ta,” arsa Fetnah, “ceadaichibh dhomh innseadh dhuibh gu ’n do ghabh mi tlachd mhor dheth air son cho modhail ’s cho measail ’s a bha e anns gach doigh, agus mar an ceudna air son a liuthad gniomh math a rinn e dhomh. Chaidh mi na b’ fhaide na so; tha sibh fhein a’ tuigsinn gu ’m bheil an gaol a’ deanamh ain-tighearnas air daoine. Dh’ fhairich mi gluasdan a’ ghaoil ag eirigh suas ann am ’chridhe. Thug esan an aire gu ’n robh mi anns an staid so, agus an aite cothrom a ghabhail air m’ anmhuinneachd, agus a dh’ aindeoin a’ ghaoil a bh’ aige orm, sheas e gu daingean ri ’dhleasdanas dhuibhse; agus ged a bha e ann an trom ghaoil orm, theireadh e an comhnuidh, “An rud a bhuineas do ’n mhaighstir, tha e air a thoirmeasg do ’n t-seirbhiseach.” Dh’ fhaodadh an aidmheil shaor so iomadh duine eile a chur ann an corruich mhoir; ach is ann a chiuinich e inntinn an righ gu buileach. Dh’ aithn e dhi eirigh, agus suidhe ri thaobh. “Innis dhomh do naigheachd o thoiseach gu deireadh,” ars’ esan. Rinn i so gu h-ordail pongail; ach thuirt i cho beag ’s a b’ urrainn i mu dheidhinn na rinn Sobaide oirre. Ach thug i dha lan chunntas air gach urram agus caoimhneas a nochd Ganem dhi; na rinn e de chosgais air a son. Agus os cionn gach rud eile, mhol i gu mor e air son cho faicleach agus cho glic ’s a bha e. Bha i mar so a’ feuchainn ri thoirt air an righ a thuigsinn gu ’m b’ eiginn di fuireach am falach anns an taigh aig Ganem air eagal gu ’m faigheadh Sobaide fios gu ’n robh i beo. Mu dheireadh dh’ innis i do ’n righ mar a theich Ganem as an taigh, agus gur i fhein a chuir ’na cheann an doigh leis an d’ fhuair e teicheadh, air eagal gu ’n tuiteadh a throm chorruich air. An uair a chuir i crioch air na bh’ aice ri innseadh, thuirt an righ rithe, “Tha mi ’creidsinn a h-uile facal a dh’ innis thu dhomh; ach c’ar son a bha thu cho fada gun fios a leigeadh ugam? An robh aobhar sam bith agad gun fios a leigeadh do m’ ionnsuidh c’ait’ an robh thu? “A Cheannaird nam fior chreid mheach,” arsa Fetnah, “b’ ainneamh le Ganem a dhol am mach as an taigh aig an am ud, agus cha ruig e leas ioghnadh a chur oirbh ged nach robh sinn air a’ cheud fheadhainn a chuala gu ’n do thill sibh. A bharrachd air so, ged a sgriobh mise litir gu Nouron Nihar, bha Ganem uine mhor a’ feuchainn ris an litir a chur ’na laimh mu ’n d’ fhuair e an cothrom air sin a dheanamh.” “Tha sin gu leor, Fetnah,” ars’ an righ. “Tha mi ag aideachadh gu ’m bheil mi ciontach, agus bu gle thoigh leam cuisean a chur ceart, le iomadh fabhar a nochdadh do ’n mharsanta og a Damascus. Smaoinich fhein, ma ta, ciod is coir dhomh a dheanamh air a shon. Iarr rud sam bith a smaoinicheas tu, agus bheir mise seachad e.” An uair a chuala Fetnah mar a labhair an righ, leig i i-fhein ’na sineadh aig a chasan, agus a h-aghaidh air an lar. Agus an uair a dh’ eirich i, thuirt i, “A Cheannaird nam fior chreidmheach, an deigh dhomh taing a thoirt do bhur morachd air son Ghanem, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu ’n toir sibh fa near fios a chur air feadh bhur rioghachdan gu leir, gu ’m bheil sibh a’ toirt mathanas do mhac Abou Aidhoub, agus gu ’m bheil e sabhailte dha tighinn far am bheil sibh.” “Ni mi na ’s mo na sin ris,” ars’ an righ; “mar thuarasdal a chionn gu ’n do shabhail e do bheatha, agus air son na h-urram a nochd e dhomh; gus an call a dh’ fhuiling e a chur ’na aite fhein, agus, a dh’ aon fhacal, gus an cron a rinn mi d’ a theaghlach a chur ceart, tha mi ’ga thoirt dhutsa mar d’ fhear-posda.” Is gann gu ’m b’ urrainn Fetnah briathran freagarrach fhaotainn gus a taingealachd do ’n righ air son a chaoimhneis a chur an ceill. ’Na dheigh sin chaidh i do ’n seomar anns am bu ghnath leatha ’bhith mu ’n do thachair na tubaistean muladach ud dhi. Bha ’n t-innsreadh ann mar a bha e roimhe. Cha d’ thugadh dad as. Ach b’ e an rud a thug toileachadh mor dhi gu ’n robh na cisteachan agus na pacannan bathair a bhuineadh do Ghanem far an do chuir Mesrour iad. (Ri leantuinn.) LITIR A LOCH KATRINE. A CHARAID IONMHUINN,—Cha ’n fhaca mi facal as an àite so anns a MHAC-TALLA o’n thòisich e air tighinn do ’r n-ionnsuidh. Tha e cur beagan tàmailt orm nach ’eil aon do shliochd nan gaisgeach a thainig á tir nam beann agus a thuinich mu ’n Loch bho cheann tri fichead bliadhna a toirt ionnsuidh air beagan a sgriobhadh, agus air an aobhar sin bheir mi dhut e mar is fhearr ’us urrainn dhomh. Dh’ fhaodainn iomradh a thoirt air moran nithean a tha tachairt an so, ach foghnaidh dhomh beagan innseadh mu chruinneachadh a bha anns an taigh-sgoil an oidhche roimhe, ris an can iad ’sa Bheurla concert, air son airgiod a chur cruinn gu nithean feumail mu thimchioll a mhanse anns a bheil an t-Urr. A. I. Domhnullach a tàmh, a cheannach. Chruinnich moran sluaigh; agus bha moran do ’n oigridh a gabhail iongantais c’ar son a bha cuirtearan air an crochadh an ceann an taigh-sgoil. Ach mu dheireadh dh’ fhosgladh am brat-sgaol agus an sin bha ainnir òg, àluinn na suidhe aig organ agus corr us fichead do ghillean us do nionagan nan seasamh deas gu tòiseachadh air seinn. Chaidh an sanas a thoirt—chaidh an t-òran a sheinn—agus ged nach ’eil mi fhein ro eolach air na AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. BRATAN EACH Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart. Bein Shleigheachan anns na seorsachan a leanas: Musk Ox, Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil an Saskatchewan Buffalo. F. Falconer & Son, Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean, SIDNI, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 319] [Vol. 9. No. 41. p. 7] h-òrain Bheurla a bh’ aca, dh’ aithnich mi gun do chord an t-seinn gu math ris a chuideachd leis an othail a rinn iad nuair a chaidh am brat a leagail. Bha D. C. Domhnullach agus Anna a phiuthar air an gairm an sin gu ceol air an fhidheil us air an organ, agus gu dearbh ’s math a thig i dhalbh; cha ruigeadh iad a leas nàire a bhith orra cluich an làthair Righ Eideard VII. Bha ’n sin comhradh (dialogue) ann eadar triùir ghillean agus aon nighean a thug moran spors do ’n oigridh. Chaidh an oidhche chuir seachad mar sin gu toilichte, a seinn orain Shasunnach, orain Gheancach, agus orain dhaoine dubha; ach bha sinn ag ionndrainn nach robh oran Albannach no Gàilig ann air fad. Tha mi creidsinn gu ’m bi iad ag radh gu bheil mi iongantach agus nach aithnich mi òran math nuair a chluinneas mi e, ach tha mi an dochas gun gabh iad mo leithsgeul ma their mi gu ’m b’ fhearr leam a bhi ’g eisdeachd Mairi Dhomhnuill Mhic Ruaraidh a seinn Oran a Phrionnsa, le Mac Mhaighstir Alasdair, no na chuala mi a dh’ òrain fad na h-oidhche. Is mi do charaid dìleas T. Loch Katrine, siorrachd Antigonish. LITIR A CEAP NOR. GED is minic a bhiodh moran sneachda tuiteam ’s an aite so ’s na bliadhnaichean a dh’ aom, cha do thuit air a gheamhradh so ach na bha sinn a meas feumail dhuinn, gu leor air son deadh rathaidean gach taobh. Ach ann am Pleasant Bay, beagan mhiltean an iar thuath air an aite so, agus far nach b’ abhaist ach beagan sneachda tuiteam, thuit aireamh throidhean ’an uine ghoirid air a gheamhradh so, air chor ’s gu ’n robh an sluagh air an sàrachadh mun d’ fhuair iad na rathaidean a bhriseadh. Tha mar an ceudna biadh spreidhe gle ghann aca, agus o nach ’eil doigh aca air sin a’ leasachadh tha e gle choltach gu ’m bi earrann dhiubh air an call. Saoilidh mi nach bi gainne air spreidh an aite so, ged chaidh roinn mhor feur agus coirce a reic ri sluagh Ingonish agus Acarsaid Neill o thainig an geamhradh a stigh. Cha robh an grip riamh cho dona an taobh so sa tha e ’m bliadhna. A bharr air sin fhuair cuid an sarachadh leis an droch thinneas pneumonia. Air an t-seachduin s’a chaidh chuireadh Coinneach Mac Fhionghain, a bha car uine ’an trioblaid inntinn, air falbh gu Halifax agus e air dol as a rian. Bu duine stòlda riamh e, agus aon de ’n fheadhain mu dheireadh a shaoilte a thigeadh gu bhi ’s an t-suidheachadh dheuchainneach ud. Tha ’theaghlach lag air am fagail ’n a dheigh ’s an dachaidh, ach tha sinn uile ’an dochas nach teid moran uine seachad gus an tig e air ais d’an ionnsuidh gu slan fallainn, araon am bodhaig ’s an inntinn. Is iongantach na beachdan a gheibhear cuid ag altrum a thaobh muinntir a chailleas an rian. Tha cuid ’s an t-saoghal a tha ’m barail gu bheil e eucomasach do neach sam bith dol as a cheann gun Satan a bhi ’n deigh tomhas neo-ghnathach do lamh-an-uachdar fhaotuinn air. An urrainn beachd a bhi ni ’s mearachdaiche? Nach ’eil cunntas againn air cuid a bha comharraichte mar chriosdaidhean a chaidh mar so as an ceann, agus a fhuair bas anns an t-siudheachadh sin mar an ceudna? Nach robh gach aon dhiubh sud cho sabhailte aig uair a bhais ’s ged nach biodh ni air tigh’n cearr ri’n inntinnean riamh? Nach ’eil deadh aobhar againn a bhi creidsinn nach ’eil ni olc a dh’ fhaodas an criosdaidh a radh no dheanamh am feadh a tha e as a rian ri bhi air an cur as a leth? Nach faodar gu cothromach a radh m’an timchioll, “Cha ’n iadsan ni ’s mo a tha deanamh so, ach an trioblaid no ’n tinneas a tha gabhail comhnaidh annta?” Ach an deigh gach ni bheir sinn tomhas do rùm do ’n bheachd gu bheil Sàtan a cur cuid as an rian, ach ma tha, ’s tric a tha sin a tachairt a chionn iad a bhi air a’ chomhairle mar nach ruigeadh iad a leas. ’S tric a tha misgearan agus mòran eile ’dol as an rian le bhi dluth leantuinn ri ’n ana-miannan, agus sin gun Sàtan a dhol gu spairn chruaidh sam bith a chum an tarruing a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh dhoilghiosach sin. Bu mhath do’n t-saoghal mur biodh daoine cho ro lionmhor ann a tha gu mor ni’s mo fo stiuradh Shàtain na aon dhiubhsan a chaill an ciall. Na ’m feumadh iad sin dealachadh ris an t-saoghal gun dàil ’s i mo bharail gur e àireamh ro thearc do luchd malairt dibhe laidir a rachadh fhagail air uachdar; bhiodh iad air an sguabadh bharr aghaidh na talmhainn a dh’ ionnsuidh an ionaid sin ’s am bheil na mìltean dhiubhsan a rinn iad féin a chur gu truaighe neo-chriochnach. Ceap Nor, Mart 30. M. D. INNSRIDH TAIGHE ’S BRAT-URLAIR. THA SINN A’ CREIC Paipearan Balla Geancach Dhe gach searsa. Cuiridh sinn Taighean nan lan Uidheam FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH. GORDON & KEITH, SRAID SHEARLOT. A. T. GRANND, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc,. etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 320] [Vol. 9. No. 41. p. 8] Tha na Gillean Grinn fo ’n Armaibh. Oran do Niall Caimbeul, fear Dhun-Stathinnis, le Seumas Caimbeul, an I-Chaluim-Chille. LUINNEAG. Tha na gillean grinn fo ’n armaibh, ’S gur bòidheach leam fhin ’Thig an t-aodach dearg dhaibh. Biomaid sunndach, eutrom, Seinneamaid gu h-éibhinn Cliu an fhiurain ghleusda Dh’ am beus a bhith ri armachd. ’S e mo rùn-sa marcaich’, Nan each cruitheach tart’rach; Ni thu ’n t-òr a sgapadh Anns na bailtean margaidh. Nuair rachadh tu ’mharcachd A’ d’ dhiollaid mar chleachd thu, B’ e do mhiann ’s do thaitneas Each aigeannach, meanmnach. ’Righ, gu ’m meal thu ’n oighreachd A fhuair thu mar staoileadh Dun-Stathinnis chaoimhneil Ann am boinn neo-chearbaich. Do shuil mar an dearcan, ’S do dheud mar a chailce; ’S i do cheile leapa ’Fhuair am mairist’ ainmeil. Do chridhe mar dhaoimean, No mar reul ’san oidhche, No mar ghréin gu caoimhneil A boillsgeadh ’san anmoch. ’S e mo dhòchas cridh’-sa Gu ’n dean t’ oighre cìnntinn; B’ aighearach leam fhin sud ’S leis na ni ort leanmhuinn. Tha cuid a seinn na luinnig mar so:— Tha na gillean grinn Fo ’n cuid armachd, ’S gur bòidheach leam fhin ’Thig an t-aodach dearg dhaibh. Mac-Neachdainn an Duin. Tha an oidhche ’nochd fuar, ’S och, mo thruaighe! gur fad i; Ged tha càch na ’n sior shuain, ’S beag mo luaidh-sa air cadal. Cha ’n e giorrad mo ruim, ’S cha ’n e cuingead mo leapa, Ach fear òg a chùil duinn ’Chuir an truim’ so air m’ aigneadh. Gu ’n do bhruadair mi ’n raoir, Thus’, a ghaoil, a bhith agam Ann an leaba chaoin, mhìn, Is tu sìnt’ ann am ghlacaibh. Ach nuair thionndaidh mi ’nùnn Bha do rum-sa fuar, falamh; Thainig snigh’ air mo shùil, ’S b’ fhad’, a rùin, thu á m’ shealladh. ’Dheagh Mhic-Neachdainn o ’n Dùn Is o thùr nan ard bhaideal, B’ fhad’ a dh’ aithnichinn do chùl ’Dìreadh stùc agus chreachann, Le do ghille ’s le d’ chù, ’S le d’ cheum lùthar mar ghaisgeach, ’S le do chuilbheir caol, ùr, ’S e nach diultadh dhuit sradag. ’S math thig boineid ghorm, ùr Air do chùl boidheach, dathte, ’S math thig dag dhuit is sgiath, ’S claidheabh giar, guineach, sgaiteach. Leam bu mhìllse do phòg Na mil shòghail nam beachan; Is na ùbhlan nan craobh Gu ’m bu chaoine leam t’ anail. ’N cuala sibhse bean riamh ’Chaill a ciall mu ceud leannan; Mur a h-innis mi breug, ’S i mi-féin an diu ’bhean ud. ’S iomadh bàt’ agus long Tha le fonn a dol thairis Eadar Eirinn an t-slòigh ’S dùthaich bhòidheach Mhic-Cailein. Nam biodh fios aig mo ghràdh Mar a tha mi ga ’acain, Bhiodh e ’nall, tha mi ’n dùil, An gearr ùine gu m’ fhaicinn. ’The ’thug bhuamsa m’ fhear féin, ’S a chuir creuchdan fo m’ aisnibh, ’Chaoidh nior fhaicear ort bréid Latha féille no clachain. Is nior fhaicear do chlann Dol do theampull a bhaistidh; Ach ga ’n cur anns an uaigh, ’S tu bhith buan dheth gun mhac leat. Biodh leac shleamhainn ri d’ bhonn, ’S talamh tolltach fo d’ chasaibh, ’S boinne snighe fliuch, fuar Tigh’nn mu bhruachaibh do leapa. Mur a bhith do dhroch bheus B’ oil leam fein sud a thachairt; Oir, ged ’s cruaidh e ri ràdh, ’S i ’n aon mhàthair a bh’ againn. Tha an oidhche ’nochd fuar, ’S och, mo thruaighe! gur fad i; Ged tha càch na ’n sior shuain ’S beag mo luaidh-sa air cadal. Bha triùir nighean aig Sir Seumas Caimbeul, triath Airdchonaghlais. Bha Iain Mac-Neachdainn an Dundàraimh a dol a phòsadh na te a b’ òige. Chuireadh an daorach ’s an dallanach air air latha na bainnse agus phòsadh e ris an nighinn bu shine. Thug e leis dhachaidh i, agus bha mac aige rithe. Goirid an déidh do ’n mhac so tighinn theich e do dh-Eirinn leis an te a bha e ’g iarraidh a phòsadh. Is ann an sin a rinn a bhean aige ’n t-òran so. Greis an déidh do Mhac-Neachdainn a fàgail phòs Sir Seumas Mac-a-Léith i. Pheacaich a piuthar gu gràineil le ruith air falbh le Mac-Neachdainn; ach rinn ise gniomh maslach an uair a thug i Mac-Neachdainn bho a piuthair, agus cha b’ iongantach leinn god a fhuair i aobhar air deoir. B’ fhearr dhi gu mor a droch rùintean a chur fo cois na ’n cur mar ghuidheachan na ’h-oran. Guidhe a Gheocaire. Nam faighinn-sa m’ iarrtas, B’ e mo mhiann air an uair so Cruachan-Beann ’bhith na ’ghruthaim Is Loch-Odha na uachdar, Is gach gleann a tha làmh-ris Bhith làn blàth bhainne buaile. Cha bhiodh cùram gum bàtht’ sinn Nam bu bhlàthach bu chuan duinn. O, b’ éibhinn an t-aran Is stràic thairis de ’n ìm air! Bhiodh taoibh dhìonach a’ m’ bhàta De bhuntàta math suaite; Druim dìreach de dh-aran, Is rol mharag mu ’n cuairt air: Bhiodh a tobhta de chabhraich, ’S bhiodh an dram ’dol mu’n cuairt innt’; ’S mi gun iomaireadh gu làidir, Is raimh chàis’ air a gualainn. O, b’ éibhinn an t-aran, Is stràic thairis de ’n ìm air! AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Ciamar tha do Shuilean? Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagrairt ort air an teid sinn an urras. Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig Bezanson. An togalach Hanington, Sraid Shearlot, Sidni. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 321] [Vol. 9. No. 42. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 19, 1901. No. 42. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Le Iain. CAIB. XX. “MA ’S MATH LEAT DO MHOLADH, FAIGH BAS: MA ’S MATH LEAT DO CHAINEADH, POS.” THA ’N seanfhacal so a’ dearbhadh gu soilleir dhuinn gu ’n robh e mar chleachdadh anns an t-seann aimsir a bhith comharrachadh am mach gach cron a bhiodh ann an daoine an àm dhaibh a bhith dol a phòsadh. Ged a tha ’n cleachdadh so sean agus fad o bhith ceart, tha e fhathast cho cumanta am measg dhaoine ’s a bha e riamh. An uair a phòs Teàrlach ruadh agus nighean a’ mhaoir, fhuair iad an cuid fhein dhe ’n dimoladh a bhiodh an leithidean a’ faotainn. Ma bha dad cearr ri radh ris na daoine o’n d’ thainig iad taobh air thaobh, bha e air aithris gu follaiseach o cheann gu ceann dhe ’n dùthaich. Ged nach robh mòran eòlais aig daoine mu dheidhinn an teaghlaich o’n d’ thainig am maor agus a bhean, bha gu leòr ri radh mu ’n deidhinn fhein. Fhuaradh am mach mu dheidhinn a h-uile car a bha e cur dheth mu ’n d’ thainig e do ’n dùthaich. Agus mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, bha gach naigheachd a bh’ air a h-aithris m’ a dheidhinn mòran na bu mhiosa na ruigeadh i leas. An uair a bhios daoine ag innseadh naigheachdan, cuiridh gach aon a char fhein annta, agus, mar is trice, cha ’n e an car ceart a chuireas iad annta. Ach ged a bha na naigheachdan a bha am marsanta-paca ag innseadh mu dheidhinn a’ mhaoir olc ann an sealladh an t-sluaigh, cha robh iad a leith cho olc ’nan sealladh ’sa bha na chual’ iad mu thimchioll mar a bha e fhein agus a theaghlach a’ cumail aca nan aodaichean a chuir bean an Uachdarain dhachaidh thun nan daoine bochda. Ged a bha ’n gnothach maslach easonarach so air a chumail an cleith car ùine, thainig e gu follais aig àm na bainnse. Ach ged a bha na h-uile ’bruidhinn air, bha eagal orra gu ’n cluinneadh am maor agus a chàirdean gu ’n robh iad ag radh facal m’ a dheidhinn. Cha robh fhios aca nach fheuchadh e fhein agus am baillidh ri dioghaltas a dheanamh orra. Cha b’ ann mu dheidhinn Theàrlaich bu lugha bha ’n sluagh a’ deanamh de bhruidhinn. Spaideil ’s mar a bha e le ’bhùthaidh mhòir, cha robh de shùim aige dhe ’athair na chuir deise dhe ’n aodach air leis an rachadh e thun na bainnse; agus chuir so ioghnadh air gu leor. Ged a bha ’athair car diùid gu nàdarra, bu duine modhail, cùin a bh’ ann do ’m b’ aithne e fhein a ghiùlan iomchuidh gu leòr aig bòrd sam bith. Beag air bheag sguir an sluagh dhe ’n bhruidhinn ’s dhe ’n mhonobar a bha ’nam measg agus bha dùil aig daoine gu ’n rachadh cùisean bàs, agus nach biodh guth gu bràth tuilleadh orra. Agus na ’n robh teaghlach a’ mhaoir iad fhein air a bhith glic, faicleach ’na dheigh sid, bha gnothaichean air a bhith na b’ fhearr na bha iad air a’ cheann mu dheireadh. Fhad ’sa bha eagal air a’ mhaor agus air a theaghlach gu ’n cluinneadh an t-Uachdaran agus a bhean na naigheachdan a bha air an aithris mu ’n deidhinn, bha iad anabarrach ciùin, caoimhneil, beulach, brosgalach ris gach duine. Ach an ceann bliadhna no dhà, an uair a shaoil iad gu ’n deachaidh a h-uile aobhar bruidhne a bha aig an t-sluagh gu buileach air dichuimhn, thòisich iad ri fàs cho neo-ar-thaingeil, agus cho mòr asda fhein ’s a bha iad riamh. O nach robh am baillidh a’ tighinn do ’n dùthaich ach uair ’s a’ bhliadhna ’thogail a’ mhàil, bha riaghladh na h-oighreachd ann an tomhas mòr ann an lamhan a’ mhaoir. Agus an uair a thigeadh am baillidh do ’n dùthaich, bhiodh aige ri iomadh cùis a réiteachadh, agus ri iomadh atharrachadh a dheanamh mu ’m falbhadh e. Mar a bha nàdarra gu leòr, chuireadh am baillidh a chomhairle ris a’ mhaor, o’n a b’ ann aige a b’ fhearr a bha fios air suidheachadh na dùthchadh, agus air na h-aobhair air son am biodh e feumail atharrachadh a dheanamh air suidheachadh cuid dhe ’n tuath. Agus ciod sam bith comhairle a bheireadh am maor air a’ bhaillidh, ghabhadh am baillidh gu toileach uaith’ i. Cha robh facal Gailig aig a’ bhaillidh, agus an uair a bhiodh eadar-theangachadh ri dheanamh, b’ e am maor an t-eadar-theangair. Ged a bha fear is fear ann a thuigeadh Beurla gle mhath, agus a bheireadh an aire nach robh an t-eadar-theangachadh a bha am maor a’ deanamh ceart no cothromach, cha bu dàna leotha am beoil fhosgladh ris a’ mhaor no ris a’ bhaillidh. An uair a dh’ aithnicheadh am maor ’s am baillidh nach robh an sluagh glé riaraichte leis na nithean a bhiodh iad a’ deanamh, theireadh iad nach robh iad ach a’ deanamh mar a bha ’n t-Uachdaran ag iarraidh orra. Ach cha robh iad ag innseadh na firinn. Bha ’n t-Uachdaran a’ fàgail riagladh na dùthchadh ann an lamhan a’ bhaillidh agus a’ mhaoir. Bha e ’n dùil gu ’m bu daoine iad a dheanadh ceartas eadar duine agus duine, agus a bheireadh misneach do gach duine bochd, lapach a bhiodh air thuar tuiteam bhar a chas le mi-fhortan agus le trioblaidean an t-saoghail. Mar is minic a rinn iomadh fear dhe ’sheorsa, rinn e gnothach cearbach an uair a dh’ earb e riaghladh na h-oighreachd gu buileach ri luchd dreuchd. Ged a bha am maor a leigeadh air nach robh e cur sùim sam bith anns na bha daoine ag radh m’ a dheidhinn, bha e aig a’ cheart àm a’ dealbh innleachdan cuilbheairteach leis an rachadh aige air dioghaltas a dheanamh air gach aon air am faigheadh e cothrom. B’ e, “dioghlaidh coireach no neo-choireach,” a’ phuing a b’ àirde a bh’ anns a’ chreud aige ’san àm ud. Cha robh e fhein falamh dhe ’n droch nàdar, agus bha na càirdean ’ga bhrosnachadh gu mòr leis na bha iad a’ toirt de naigheachdan a dh’ ionnsuidh a chluasan. Gus a dhroch innleachdan a chur air am bonn cho math ’s a ghabhadh deanamh, bha luchd feall-fholach aige ’mach air feadh na dùthchadh. Bha fhios aige gu ’m biodh iomadh naigheachd air an aithris anns a’ mhuillean, anns a’ cheardaich, ann an taigh a’ ghreusaiche, ann an taigh an t-saoir, anns a’ bhuthaidh aig Teàrlach ruadh, agus anns gach àite anns am bu ghnàth le muinntir nam bailtean a bhith ’cruinneachadh an àm dhaibh a bhith ri nàbachd; agus cha robh facal a theirteadh mu dheidhinn fhein ’s m’ a chàirdean nach innseadh an luchd feall-fholach dha. Mar so fhuair e làn fhios cò iad a bha air a thaobh agus cò iad nach robh. Bha mòran ann nach abradh aon fhacal air a thaobh no ’na aghaidh; oir bha de ghliocas annta na chumadh am beòil dùinte an uair a chluinneadh iad feadhainn eile ’labhairt le suarachas mu’n dol am mach a bh’ aige. Bha fhios aca so gu ’n tigeadh an t-olc gu follais luath no mall, agus gu ’n robh neach ann a bha do ghnàth a’ toirt fa near gach ni diomhair a bha ’dol air aghart am measg dhaoine air an talamh. (Ri leantuinn.) Tamhaisg. LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASACHO. CIOD iad? no co as tha tamhaisg? Tha na ceisdean so ni ’s fhasa am farraid na tha e am freagairt. Ach co-dhiù, tha na tamhaisg daonnan maille ruinn. Cha ’n ’eil sluagh fo ’n ghréin, air am bheil iomradh no eòlas sam bith againn, nach ’eil a creidsinn agus a géileachdainn ann an tomhas mor do ’n neo-fhaicsinneach; agus ged a dh’ fheumar aideachadh gur a h-iomadh ni a chuir eagal air iomadh neach, agus a shaoil iad a bhith mi-nàdurra, a ghabhas mineachadh agus tuigsinn, agus ’n uair a chuigear iad chitear gu ’m bheil iad nàdurra gu leòir. Bidh na Goill a tilgeadh air na Gàidheil gu ’m bheil iadsan tuilleadh ’sa chòir gisreagach, ach tha na Goill iad fein a chearta cho gisreagach ris na Gàidheil, mur a bheil ni ’s miosa. Co dhiu, cha chuala mise riamh o Ghàidheal naigheachd cho fiadhaich ri naigheachd a chuala mi uair is uair o h-aon no dha de mhuinntir Dhumfris. Tha naigheachd acasan a tha ’g ràdh, an uair a shiubhail an duine fuilteach sin, Grearson an Lag (Grearson of Lag), air an cuala gach neach do ’n aithne eachdraidh nan Cùnnandach (Covenanters) iomradh. An uair a dh’ fhàg an anail an duine sin, dh’ fheumadh e a bhi air a thiodhlacadh coltach ri daoin’ eile. Ach ’n uair a chuir iad a chiste-mhairbh, anns an robh a chorp, air a charbad a bha gus a thoirt do ’n chladh, cho luath ’sa cheangail iad an t-each anns a charabad, thuit a bhrùid fuar, marbh. Dh’ fheuch iad each ’us each eile, gus am fac iad nach robh siud a dol a dheanadh math sam bith, a chionn bha gach each a tuiteam marbh cho luath ’s a rachadh e ’n greim anns a charabad. Ach thachair gu ’n robh duine tapaidh anns a’ bhaile aig an àm, aig an robh dà òigeach (each òg), agus thuirt an duine so gu ’n tugadh esan an corp do ’n chladh, ged a robh e cho làn de na deamhain ’s a tha mhucag* do ’n fhras. Chuir e na h-òigeich an greim anns a charbad, ’s dh’ fhalbh an torradh; ach thainig eun mor dubh ni bu mhotha na fitheach, agus shuidh e air a [TD 322] [Vol. 9. No. 42. p. 2] chiste-mhairbh, agus cha d’ fhàg e sud gus an d’ ràinig iad cachladh a chlaidh, agus an sin chaidh an t-eun as an t-sealladh; agus thuit an dà òigeach fuar marbh air an làr. Ach co dhiù chaidh aig na daoine air a chorp a chuir fo ’n talamh. Agus ged a tha ceudan bliadhna o’n a thachair sud, bha iomadh neach beò anns an sgireachd ud, o chionn deich bliadhna fichead, a chunnaic spiriodagan teine a thiginn a mach á uaigh Fir na Lag. Ach fhuair mi naigheachd eile o mhuinntir shiorramachd Inaràir, a tha gle choltach ri cuid de na naigheachdan a bha sinn eòlach air a bhi cluinntinn aig seann Ghàidheil, agus a tha nochdadh gu soilleir cho làidir ’sa tha sluagh na h-Alba anns a bheachd: “Ged a dh’ iathar laimh mar laimh, Cha d’ theid an t-aingidh as o chiont;” agus gu ’n leanar aingidheachd nan athraichean air a chloinn. Thachair aig an àm ud, ann an eachdraidh ar dùthcha, an uair a bha na Cùnnantaich, mar a theirte riutha, air an ruagadh feadh monaidhean ’us choilltean na dùthcha, thachair gu ’n robh fear dhiubh air latha sonraichte a gabhail an rathaid seachad air tigh tuathanaich, agus bha e air fior dhroch càradh. Cha do bhlais e biadh fad dà latha agus aig an àm san robh e tighinn faisg air tigh an tuathanaich, bha e fo amhrus gu ’n robh na trupairean as a dheigh; ach chaidh e stigh do thigh an tuathanaich agus dh’ iarr e biadh: cha tugadh an tuathanach sud dha; dh’ iarr e deoch bhainne: cha tugte sud dha ni bu mhò; dh’ iarr e deoch dh’ an uisge, ’s chaidh sud a dhiùltadh dha cuideachd. Ghabh an Cùnnantach bochd a mach gu fann, acrach mar a bha e, ’s dh’ fhalbh e air a thurus na ’leum. Bha e air a ràdh gu ’m b’e ’n t-eagal, ’s nach b’e ’n spìochd, a b’ aobhar gu ’n do dhiult an tuathanach do ’n allabanach bhochd an rud a dh’ iarr e, a chionn, bha e, air reir an lagha aig an àm, cho dona do neach cupa de dh’ uisge fuar a thoirt do aon de na Cùnnantaich ’sa bhiodh e dha a bhi na Chùnnantach e fein. Ach biodh sin mar a thogras e. O’n latha ud air na dhiult e iarrtus an allabanaich thruaigh, gus an latha air an d’ fhàg e ’n saoghal, dh’ fhairlich air an tuathanach a phathadh fein a chasg; agus a bharrachd air a sin, lean am pathadh nach gabhadh casg na shliochd na dhéigh, ’s tha iad aithnichte do shluagh na dùthcha gus an latha ’n diugh. Bha mi eolach air neach fad moran bhliadhnachan, agus chuala mi e ’g innseadh uair is uair, gu ’n robh e féin ag obair air spealadh feoir aon bhliadhna còmhla ri h-aon deth na daoine so—sliochd an tuathanaich—agus gu ’n robh am pathadh nach gabhadh casg air an neach ud ann an tomhas trom. Bha soitheach uisge aige air gach ceann de ’n staogh. Cha b’ urrainn e an da staogh a thoirt a mach gun deoch a ghabhail. Ach am measg nan tamhasg uile—’s tha atharrachadh am measg nan tamhasg mar a tha ann am measg chreutairean feòlmhor—’s e spiorad an duine bheò tamhasg is miosa, a chionn ged a chi thu spiorad a mhairbh, cha ’n ’eil ann ach sgàileadh nach dian coire sam bith ort, ach air an laimh eile, nan tachradh spiorad a bheò ort, dh’ fhaodadh e do dhroch ghiollachd a thoirt dhuit. Chuala mi iomadh uair mnathan a bachdadh agus a trod ri cloinn, a chionn a chlann a bhith a guidhe iad féin a bhith ann an àiteigin eile, seach an t-àite anns an robh iad. ’S e sin, nan abradh balach ann an éisdeachd a mhàthair—gu sònraichte anns an oidhche—“B’ fhearr leam gu ’n robh mi anns an àit’ ud no anns an àit’ ud eile.” Theireadh a mhàthair—“Bi sàmhach, a shlaoightire, c’ar son a bhios tu ’g ràdh leithid sin; dh’ fhaoidte gu ’m faic iad do thamhasg anns an àite sin anns am bheil thu guidhe a bhith.” Ach ma ’s fior na sgeòil, chaidh daoine fhaicinn ann an àiteachan anns nach robh iad gu ’n guidhe féin a bhith idir; cha b’ urrainn iad sin a dheanamh, a chionn cha b’ aithne dhaibh aig an àm na h-àiteachan anns am facas an tamhaisg. Chaidh duine mor, briagha bhar tir-mor do h-aon de na h-eileanan an Iar, agus ghabh e fearann ann an sin. Chunnaic gille agus nighean òg an duine sin a dol mu ’n cuairt an àite bliadhnachan mu ’n do chuir e riamh a chas air an eilean. Cha b’ ann aig an aon àm no anns an aon àite a chunnaic an nighean agus an gille an duine; ach thogadh a h-aon sam bith dhe ’n dithis a làmh ann an cùirt an t-siorram, agus bheireadh iad a mionnan gu ’m faca iad e; agus cha bu duine e a ghabhte ann an àite duine eile, a chionn ’s ann ainneamh a bha leithid. Bha e na choltas sonruichte briagha: nan tachradh e air an t-sràid ort cha b’ urrainn thu gun sealltainn as a dheigh ’n uair a rachadh e seachad. Bha an nighean na banaraich aig a h-aon de dhaoine mora an eilean aig an àm, agus bha i tighinn a mach á tigh a bhainne air feasgar samhraidh ann an dol fodha na gréine, ’s chunnaic i ’n duine so a spaidsearachd air beulaobh an taighe, agus chaidh e stigh air an dorus mhor. Cha do chuir sud eagal no ioghnadh sam bith oirre, a chionn dh’ fhaodadh coigreach a bhi air tighinn ’dh’ ionnsuidh an taighe ’s a bhi air aoidheachd aig a maighstir, ’s gun fios a bhi aice-se air. Ach ’n uair a chaidh i stigh ’sa dh’ fheoraich i de a co-sheirbheisich de ’n duine mor, briagha a bha stigh, chaidh innse dhith nach robh coigreach idir a stigh no neach ach muinntir an taighe. ’S ann anns an fheasgar a chunnaic an gille e cuideachd, aig fang nan caorach. Bha ’n gille tighinn dhachaidh as a mhonadh, agus ’n uair a bha e dlùthachadh ris an fhang choinnich e duin’ nach d’ aithnich e, na sheasamh air taobh balla an fhaing, agus direach ’n uair a bha e gu bhi aige, ann am prioba na sùl chaidh an duine as an t-sealladh. ’S e ’n doigh anns an robh e na sheasamh: bha a dhà laimh air mullach a bhalla, agus e, mar gum b’ eadh, a sealltainn a stigh anns an fhang mar gu ’m biodh e a gabhail beachd air treud a bhiodh ann, ach cha robh creutair beò san fhang aig an àm. Cha do ghabh an gille eagal sam bith roimh ’n duine, mor ’s mar a bha e, fhad ’sa dh’ fhuirich e na shealladh, ach an uair a dh’ fhàg e ’shealladh cho luath agus cho miorbhuileach, ghabh an gille ’n t-eagal an sin ’s thug e chasan as cho luath ’sa bha na chomas. Ach thuirt e fein, agus an nighean cuideachd, cho luath ’sa chunnaic iad an duine anns a chollainn, gu ’m b’e sud an duine. Agus bha an nighean deich no dusan bliadhna na banaraich aige; agus ’s iomadh uair anns an ùine sin a chunnaic i a spaidseireachd air beul an taigh mhoir, anns a cheart dòigh anns am faca i e mu ’n robh e riamh ’san dùthaich. Ann an àite eile chaidh boirionnach a mach as a tigh féin, agus chunnaic i boirionnach eile a dh’ aithnich i a dol a stigh do thigh a h-aon de na coimhearsnaich. Bha am boirionnach a chaidh a stigh do ’n tigh a fuireach mìltean o’n bhaile ud, agus leis gu ’n robh an t-anamoch ann smaointich an te a chunnaic a dol a stigh i nach fàgadh i ’m baile air an oidhch’ ud. Ach chuir e beagan neònachais oirre gur h-e sud tigh anns am fanadh i, a chionn bha dlùth charaid aice anns a’ bhaile agus a thigh gun a bhi fada as. Ach co dhiu, a dh’ fheuch an robh sgeul ùr aig a bhan-choigrich, chaidh am boirionnach a chunnaic a dol a stigh i a stigh as a deigh, ach an te a shaol i a bhi stigh cha robh i a stigh roimhpe, agus bha e dearbhte gu leòir nach robh i anns a bhaile ud air a bhliadhn’ ud. Ach, co dhiu, b’e sud an tigh anns na chuir i seachad a chuid mu dheireadh deth a saoghal—thug i cho math ri deich no dusan bliadhna ann, agus ’s ann a shiubhail i—ged bu bheag dùil a bh’ aice fein no aig neach eile, air an fheasgar air am facas a tamhasg a dol a stigh ann, gu ’m biodh i gu bràth a comhnuidh ann. A nis, cha robh dad sonraichte ann am beatha a bhoirionnaich ud, no ann am beatha an duine mhoir a dh’ ainmich mi cheana, a shaoileadh neach a bhi na aobhar air gu ’m faicte an tamhasg-san seach tamhasg neach eile anns an sgireachd. Cha robh iad dad ni b’ fhearr no ni bu mhiosa na ’n coimhearsnaich, agus an fheadhainn a chunnaic na tamhaisg aca, cha chuala mi gu ’m fac iad ni riamh, roimhe no na dhéigh, a chuir aona chuid ioghnadh na eagal orra. (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. X. AIR an ath latha thug Haroun Alraschid ordugh do Ghiafar fios a chur air feadh gach mor-roinn a bha fo ’riaghladh, gu ’n robh e ’toirt mathanais do Ghanem, mac Abou Aidhoub. Ach cha d’ rinn so feum sam bith, oir chaidh uine mhor seachad agus cha chualas guth no iomradh air Ganem. Bha Fetnah ’ga deanamh fhein cinnteach nach b’ urrainn e bhith beo as a h-aonais fhein. Dh’ fhas i anabarrach neo-fhoiseil ’na h-inntinn. Ach o ’n is e dochas an rud mu dheireadh a threigeas cridheachan dithis a th’ ann an gaol air a cheile, ghuidh i air an righ cead a thoirt dhi falbh air a thoir. Thug an righ an cead so dhi. Thug i leatha sporran anns an robh mile bonn oir, agus dh’ fhalbh i as an luchairt a’ marcachd air aon de mhuileidean an righ air an robh acfhuinn ro riomhach. Dh’ fhalbh dithis sheirbhiseach maille rithe, agus a lamh aig gach fear dhiubh air bun an earbaill aig a’ mhuileid. Chaidh i o eaglais gu eaglais, agus i ’toirt deirce do na daoine bochda a bha fior dhiadhaidh, ag iarraidh orra ’bhith ’g urnuigh gu ’n soirbhicheadh gnothach air an robh sonas dithis an crochadh. Chuir i seachad an latha agus am mìle bonn oir le bhith ’toirt seachad deirce aig na h-eaglaisean, agus thill i do ’n luchairt anns an fheasgar. Air an ath latha, thug i leatha sporran eile anns an robh mile bonn oir, agus dh’ fhalbh i ’marcachd air muileid mar a bha i an latha roimhe sid, agus chaidh i do ’n aite anns am bheil buithean nan orcheardan. Stad i aig an dorus gun tighinn bhar muin na muileid; chuir i fear dhe na seirbhisich a steach far an robh an t-ard mharsanta a dh’ iarraidh air tighinn am mach a bhruidhinn rithe. Bha ’n t-ard mharsanta ud ’na dhuine cho caranta ’s a bha beo, agus bha e ’toirt seachad an treas cuid dhe ’thighinn-a-staigh gus cuideachadh a dheanamh le coigrich bhochda, co dhiubh a thachradh dhaibh a bhith tinn no ann [TD 323] [Vol. 9. No. 42. p. 3] an eiginn. Dh’ aithnich e air an trusgan a bh’ air Fetnah gu’m buineadh i do ’n luchairt, agus cha do chum e moille sam bith oirre. Chuir i an sporran ’na laimh, agus thuirt i ris, “Tha mi air tighinn far am bheil thu o ’n a tha thu ainmeil air feadh a’ bhaile air son do dhiadhachd. Is e mo mhiann gu ’n roinneadh tu an t-or so am measg nan coigreach bochda air am bheil thu ’deanamh fuasglaidh; oir tha fhios agam gu ’m bheil tlachd mor agad ann a bhith ’toirt cuideachaidh do choigrich bhochda a bhios ag iarraidh cuideachaidh ort. Tha fhios agam gu ’m bheil thu ’g an cumail o bhith ann an eis, agus nach ’eil rud sam bith a’s mo a bheir de thoileachadh dhut na cothrom fhaotainn air fuasgladh a thoirt do dhaoine bochda truagha.” “A bhaintighearna,” ars’ esan, “bheir mise gu toilichte umhlachd do ’n aithne a thug sibh dhomh; ach ma tha toil agaibh carantas a nochdadh le bhur laimh fhein, agus ma ’s e bhur toil a dhol a steach do m’ thaigh-sa, chi sibh ann dithis bhoirionnach aig am bheil feum mor gu ’n gabhadh sibh truas dhiubh. Thachair iad rium an de an uair a bha iad a’ tighinn do ’n bhaile. Bha iad ann an suidheachadh muladach, agus an uair a dh’ aithnich mi air an coltas gu ’n robh iad roimhe so ann an suidheachadh ard, ghabh mi am barrachd dragha. Troimh na luideagan a bha umpa, agus a dh’ aindeoin mar a loisg a’ ghrian an aghaidhean, dh’ aithnich mi gu ’m b’ uaislean iad, agus nach robh mi ’faicinn an leithidean am measg nan daoine bochda air am bheil mi ’deanamh cobhair. Thug mi do mo thaigh iad, agus chuir mi air curam mo mhna iad. Tha ise dhe ’n aon bheachd rium fhin dhe ’n taobh. Thug i air na searbhantan leapannan a dheanamh deiseil dhaibh am feadh ’s a bha i fhein a’ nigheadh an aodain, agus a’ toirt dhaibh aodach glan. Cha ’n ’eil fhios againn fhathast co iad, oir tha toil againn leigeadh leotha beagan fois a ghabhail mu ’n cuir sinn dragh orra le bhith ’faighneachd cheisdean dhiubh.” Dh’ fhairich Fetnah gu ’n robh miann laidir aice sealladh fhaotainn dhiubh, ged nach b’ urrainn i a radh car son. Thairg am marsanta a dhol leatha thun an taighe, ach cha leigeadh i leis an dragh so a ghabhail, agus thuirt i ris gu ’m foghnadh dha aon de na seirbhisich a chur a shealltainn an taighe dhi. Thainig i air lar aig an dorus, agus lean i seirbhiseach a’ mharsanta, a dh’ fhalbh roimpe gus fios a thoirt d’ a bhanamhaighstir. Bha i aig an am anns an t-seomar maille ri Alcolomb, agus ri ’mathair, oir b’ iad so na boirionnaich mu ’n robh am marsanta a’ bruidhinn ri Fetnah. An uair a chuala bean a’ mharsanta o ’n t-seirbhiseach gu’n robh bean uasal as an luchairt anns an taigh aice, bha i ’dol am mach as an t-seomar gus a coinneachadh. Ach lean Fetnah cho dluth air sail an t-seirbhisich ’s nach d’ fhuair i uine air a dhol am mach as an t-seomar. Agus an uair a chaidh Fetnah a steach do ’n t-seomar, leig bean a’ mharsanta i fhein ’na sineadh air a beulaobh, mar chomharradh do ’n righ. “Mo bhean mhath,” arsa Fetnah, “tha toil agam gu ’n leigeadh tu leam bruidhinn ris an dithis choigreach a thainig do Bhagdad an raoir.” “A bhaintighearna,” arsa bean a’ mharsanta, “tha iad ’nan laidhe anns an da leabaidh bhig a tha sibh a’ faicinn dluth air a cheile.” Chaidh Fetnah gun dail thun na leapadh anns an robh mathair Ghanem ’na laidhe, agus an uair a dh’ amhairc i gu dluth oirre, thuirt i, “Mo bhean mhath, tha mi air tighinn a thairgseadh cuideachaidh dhut. Tha tomhas de chumhachd agam anns a’ bhaile so, agus theid agam air beagan cuideachaidh a dheanamh leat fhein agus le do chompanach. “A bhaintighearna,” arsa mathair Ghanem, “tha mi ’tuigsinn o ’n tairgse mhath a tha thu ’toirt dhuinn nach do threig Dia sinn gu buileach fhathast, ged a bha sinn a’ smaointean gu ’n do threig, an deigh a liuthad mi-fhortan a thainig ’nar rathad.” An uair a labhair i na briathran so, ghuil i cho goirt ’s nach b’ urrainn Fetnah agus bean a’ mharsanta gun na deoir a shileadh mar an ceudna. An uair a thiormaich Fetnah na deoir o a suilean, thuirt i ri mathair Ghanem, “Bi cho caoimhneil ruinn ’s gu ’n innis thu dhuinn do naigheachd agus gach cruaidh-fhortan a thainig ’na d’ rathad. Cha ’n urrainn dut do naigheachd innseadh do shluagh sam bith a tha na ’s deise gus cuideachadh is comhfhurtachd a thoirt dhut na sinne.” “A bhaintighearna,” arsa mathair Ghanem, “is e bean uasal do ’n ainm Fetnah, a’ bhanoglach a’s docha le Ceannard nan Creidmheach, is mathair aobhair do gach cruaidh fhortan a thainig ’nar rathad.” Chuir na briathran so clisgeadh air Fetnah mar gu ’n deanadh beithir a thigeadh as na speuran; ach chaidh aice air staid a h-inntinn a chumail am falach, agus mar sin leig i le mathair Ghanem a dhol air aghart leis na bh’ aice ri radh:—“Is mise a’ bhantrach aig Abou Aidhoub, marsanta a bh’ ann an Damascus. Bha mac agam do ’m b’ ainm Ganem. Thainig e do Bhagdad a mhalairt. Tha e air a chur as a leith gu ’n d’ thug e air falbh Fetnah. Dh’ ordaich an righ rannsachadh a dheanamh air a shon anns gach aite gus a chur gu bas. Agus o nach d’ fhuaras e, sgriobh e litir gu righ Dhamascuis, a dh’ iarraidh air cead a thoirt do ’n t-sluagh gach ni a bh’ anns an taigh againn a thoirt leotha, agus ’na dheigh sin a h-uile clach a bh’ anns an taigh a leagadh gu lar. Dh’ ordaich e mar an ceudna mise agus mo nighean a thoirt tri latha an deigh a cheile air feadh sraidean a’ bhaile, agus sinn dearg ruisgte, agus an deigh sin, ar fuadach am mach a Siria gu brath. Ach ged a rinn an righ an droch dhiol so oirnn, bhiomaid toilichte gu leor nam biodh mo mhac beo, agus gu ’m faicinn e. Nach ann agam fhin agus aig a phiuthair a bhiodh an solas nan faiceamaid e! Leigeamaid air dichuimhn gach call a thainig oirnn agus a h-uile trioblaid a dh’ fhuiling sinn air a shon. Ochan! tha mi lan chinnteach gu ’m bheil e cho neo-chiontach a thaobh na tha ’n righ a’ cur as a leith agus a tha mise agus a phiuthar.” “Tha sin fior gu leor,” arsa Fetnah, agus i ’cur stad oirre, “tha e cho neo-chiontach ’s a tha sibhse. Tha mise ag innseadh dhuibh le firinn gu ’m bheil e neo-chiontach. Is mise Fetnah air am bheil sibh a’ gearain cho mor. Tre aobhar nach b’ urrainn mise bhacadh, thug mi iomadh cruaidh fhortan ’n ’ur rathad-se. Dhearbh mi do ’n righ gu ’m bheil Ganem neo chiontach. Thug e ordugh fios a chur air feadh gach mor-roinn a tha fo ’riaghladh gu ’m bheil e ’toirt mathanais do Ghanem mac Abou Aidhoub. Ach cha ’n ’eil teagamh nach dean e uiread de mhath dhuibhse ’s a rinn e de chron dhuibh. Cha ’n ’eil sibh na ’s fhaide ’n ’ur naimhdean dha. Tha e ’feiteamh gus an d’ thig Ganem, a chum mise a thoirt dha ri m’ phosadh mar dhuais air son gach seirbhis mhath a rinn e dhomh. Air an aobhar sin faodaidh sibh amharc ormsa mar bhur nighean, agus ceadaichibh dhomh m’ fhacal a thabhairt gu ’m bi mi caoimhneil, cairdeil ribh fhad ’s a bhios mi beo.” An uair a thuirt i so, chrom i os cionn mathair Ghanem, a bha, aig an am, air a lionadh cho mor le ioghnadh ’s nach robh e ’n comas dhi aon fhacal a labhairt. Bha greim aig Fetnah oirre uine fhada ’na gairdeanan. An uair a leig i as i, thionndaidh i thun na leapadh anns an robh Alcolomb ’na laidhe. Bha i air eirigh ’na suidhe anns an leabaidh, agus rug i gu teann cruaidh air Fetnah ’na gairdeanan. An uair a nochd Fetnah dhaibh gach comharradh air a gradh agus a caoimhneas dhaibh ris am faodadh duil a bhith aca o bhoirionnach a bha gus Ganem a phosadh, thuirt i riutha, “Sguiribh le cheile dhe bhur bron. Tha ’n saoibhreas a bh’ aig Ganem ’s a’ bhaile so fhathast air faotainn. Tha e ’nam sheomar-sa anns an luchairt. Tha fhios agam nach tugadh saibhreas an t-saoghail comhfhurtachd dhuibh as eugmhais Ghanem. Tha fhios agam air so o m’ fhaireachdainean fhin. Tha daimh fala agus feola a cheart cho laidir ri cumhachd a ghaoil. Ach c’ar son a chailleamaid ar dochas nach fhaic sinn e gu brath? Gheibh sinn fhathast e. Tha ’n sonas a tha mi ’faireachadh o ’n a thachair sibhse rium a’ toirt aobhar dochais as ur dhomh. Is docha gur e so an latha mu dheireadh dhe bhur triodhlaidean, agus is docha gu ’m bheil sonas a’s mo na bha agaibh ann an Damascus faisge oirbh.” (Ri leantuinn). FIOR GHAIDHEIL. (Oban Times). Is mór an call a thainig air a’ Ghàidhealtachd o cheann ghoirid. Cha ’n ’eil fada o’ n chaochail na h-uasail ghrinn ud, an Stiùbhartach agus Mac-an-Tòisich, ministeir agus ball-pàrlamaid a bha ’nan glòir d’ ar dùthaich. ’Nan déighsan thriall dà fhìor Ghàidheal a rinn dhoibh fein cliù àrd is airidh. B’ iad so Mr Domhnull Mathanach, ball do ’n teaghlach chomasach ud d’ am buin eilein Leòghais. ’Nan làmhansan thuit mòran beairteis; agus rinn iad an coitcheannas feum gle chneasda dheth. Ach am measg na shiubhail o cheann ghoirid gheibhear ainm Gàidheal còir, a rugadh air Ghalldachd ach aig an robh fuil ghlan sliochd na Gàilig a’ ruith ro bhlàth ’na chuislean. ’S e am fear a tha sinn a’ ciallachadh, Mr Donnachadh Camaran is sine. Tha a’ Ghàidhealtachd gu mor ’na chomainsan, air son mar a chuidich e leis na Gàidheil an aobhar ’s an còirichean a thagradh. Thatar an so a’ cur facal Gàilig mar chlach ’na chàrn ’s an dol seachad; agus is lionmhor na Gàidheil aig an tigh agus thairis a bhios a’ gleidheadh cuimhne ghaolach air na bha agus na rinn e air an son féin agus an dùthcha. ’Nam biodh uaislean eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd cho dìleas ’s cho gnètheil a thaobh cùisean cha bhiodh cor an t-sluaigh cho truagh ’s a bha e re iomadh bliadhna. Is e leud na boise tomhas cho beag ’sa bha am measg dhaoine o shean—sin ri radh, leud cheithir meòirean. Tha beath’ an duine air a samhlachadh ri leud na boise. Is ann mar so a dh’ òrdaich Dia ’na ghliocas. Ma tha ar beatha cho goirid so, nach bu chòir dhuinn feum math a dheanamh dhith! Am bheil mo chuairt air an talamh cho goirid so? Ma tha, is còir dhomh a bhith ’nam fhaiceall a h-uile ceum a ni mi air eagal gu ’n teid mi air seachran. [TD 324] [Vol. 9. No. 42. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, APRIL 19, 1901. Tha sinn fior thoilichte chluinntinn gu bheil coig ceud puinnd (£500) air a chur cruinn ann an Alba airson comharradh-cuimhne a thogail aig amhuinn Modder, ann an Africa mu Dheas, do na saighdearan Gàidhealach a thuit ann am blàr Magersfontein, anns an do chaill iomadh laoch treun Albannach a bheatha. Bidh dealbh a chomharraidh-chuimhne so air a chur gu bantraichean ’us dlùth-chairdean nan saighdearan a thuit anns a bhlàr. Chuir an t-Impire Uilleam o chionn ghoirid dealbh ann an tigh nan dall am Berlin, anns an robh a bhan-Impire air a sgeadachadh mar Naomh Ealasaid agus e-féin mar a fear-pòsda. Chuir pearsachan-eaglais a’ bhaile cho làidir an aghaidh so ’s gu ’m b’ fheudar dha an dealbh a thoirt air falbh. Bha na diadhairean eòlach fada roimhe so air gach atharrachadh riochd anns an robh Uilleam ’ga nochdadh féin do’n t-saoghal—mar impire, mar fhear-stàite, mar shaighdear, mar mharaiche, mar ùghdar ’s mar shearmonaiche—ach b’e so a cheud uair a chuir e e-féin f’ ar comhair mar dhuine bha airidh air a bhi na chompanach do na naoimh. Agus rud nach bu neònach cha ghabhadh iad ris anns an riochd sin idir. Ma tha gach sgeul a tha tighinn á Africa mu Dheas fior, cha ’n eil moran dòchais aig na Boerich an cogadh a chumail air adhart a bheag na’s fhaide. Chaidh an ruaig a thug iad do Chape Colony gu mor nan aghaidh, agus chaill iad am misneach. Tha e air innse air an t-seachdain so, gu bheil Botha a rithist a feuchainn ri cumhachan striochdaidh a dheanamh ri Citchener, gu bheil Steyn, a bha na uachdaran air an Orange Free State, deònach striochdadh mar an ceudna, agus gu bheil De Wet, leis gach curaidh-chàs troimh ’n deachaidh e ’s gach cruadal a tha e fulang, air a dhol air aimhreit ’na inntinn agus eu-comasach air a chuid airm a threòrachadh us obrachadh mar a b’ àbhaist. Tha e doirbh a bhi cinnteach gu bheil na sgeòil so fior, ach ma tha cha ’n eil cisneachadh iomlan nam Boereach fad as. Tha moran bruidhne aig an àm so ann an iomadh cearna de ’n t-saoghal air cho blàth-chridheach ’sa tha Righ Iomhar ris na daoine bochda a tha comhnuidh ann am baile-mor Lunnainn,—baile, tha sinn a lan chreidsinn, anns am bheil barrachd bochdainn agus amhghar na tha ann am baile sam bith eile air uachdar an domhain. Ged is e righ Iomhar an aon duine is cumhachdaiche a tha’n diugh beò, tha e ’nochdadh, ann an iomadh dòigh, gu bheil e cuimhneachail air a chuid iochdarain bhochda. Gu ma fada mhealas esan an cothrom air a rùintean matha a chur an céill. O chionn dha no tri mhiosan air ais thug àireamh mhor de shaighdearan Breatunnach iad féin suas do ’n arm Bhoerach. Bha na Boerich a buntainn gle chaoimhneil ris na priosanaich a thuiteadh nan làmhan, agus mar sin nuair a gheibheadh buidheann de na saighdearan Breatunnach iad féin a faotainn a chuid bu mhiosa dheth o na Boerich, b’ fhearr leotha gu tric toirt suas na iad fein a chur an cunnart am beatha le seasamh a mach. Tha ceannardan an airm, a reir coltas, dhe’n bharail gu robhtar a’ deanamh sin uaireannan nach leigeadh iad a leas, agus tha iad uime sin an deigh òrdugh a thoirt seachad gu ’m bi gach oifigeach us saighdear a thogas a’ bhratach gheal ris na Boerich mar chomharra toirt suas, gu feum e cùirt-airm a sheasamh. Ma gheibhear aig a’ chùirt sin gu robh deagh aobhar aca air toirt suas, bidh iad air an saoradh, ach mur robh, bidh iad air am peanaisteachadh. Bha e cumail misnich ris na Boerich àireamh cho mor de na Breatunnaich a bhi tuiteam nan làmhan. Bhuail da threin guail na cheile aig Glace Bay Mhor feasgar Dior-daoin s’a chaidh, agus bha ’n da inneal air am bristeadh gu dona. Bha beagan goirteachaidh air a dheanamh air triùir dhe na daoine bha ’g an ruith, Iain Mac Iomhair, Domhull Domhnullach, agus Domhull Mac-an-Leisdeir. Bha na treineachan a ruith an coinneamh a chéile, aon a falbh ’s aon a tilleadh á Louisburg. Tha an call a rinneadh uile gu leir air a mheas aig ochd mile deug dolair. Shil moran sneachda Dior-daoin ’s Di-haoine s’a chaidh. Maduinn Di-satharna bha tri no ceithir a dh’ òirlich air an talamh, agus bha citheachan cho domhain an àiteachan air feadh na duthcha ’s nach faigheadh each us carbad trompa. Ach ’se gle bheag dhe ’n t-sneachda sin a tha ri fhaicinn an diugh; tha grian an earraich cho teth ’s nach toir i fada ga chur as an t-sealladh. Bas. Ann am Mineral Rock, Mira, air an ceathramh latha deug, Niall Mac Odrum, tri fichead us seachd bliadhn’ deug a dh’ aois. Rugadh e ann am Pabaidh, an Uidhist a’ chinn a Tuath, agus thainig e do ’n duthaich so ’sa bhliadhna 1831. Dh’ fhàg e piuthar agus triùir bhraithrean. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Am Policy a tha cordadh gu math ris gach seorsa dhaoine tha ’n Canada—am policy a tha air a sgriobhadh leis a Confederation Life Association. Is e so am Policy anns am bheil tearuinteachd. Cha ’n eil cumhachan teagmhach sam bith ann. Cha ’n eil ann ach gealltanas pàigheadh. Sgriobh gu ar luchd-gnothuich air son tuilleadh fiosrachaidh. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 325] [Vol. 9. No. 42. p. 5] Naigheachdan. Chaidh tigh chleas a losgadh ann an Ottawa air an t-seachdain s’a chaidh a b’ fhiach da fhichead mile dolair. B’e an togalach bu bhòidhche dhe sheòrsa bha ann an Canada. Chaidh mile ’s tri fichead ’sa h-aon deug de dh’ oifigean-posta fhosgladh os ùr ann an Canada o chionn choig bliadhna. Bha ochd fichead ’sa h-ochd dhiubh sin air am fosgladh ann an Nova Scotia. Tha tuathanaich Mhanitoba air tòiseachadh air a’ churachd. Tha an t-side gle fhàbharrach, agus thatar ag radh gu ’m bi barrachd mor fearainn air a chur fo bhàrr am bliadhna ’sa bha ann an uiridh. Cha robh iasgach nan ròn cho math o chionn bhliadhnaichean ’sa tha e am bliadhna air cladaichean Newfoundland. Tha so na naigheachd mhath do na daoine a tha deanamh am beolaind air an doigh chunnartach so. Tha tigh-cùrtach ùr ri bhi air a thogail do ’n t-siorrachd ann an Sidni. Bidh an togalach air a dheanamh air bric agus graineal dearg; bidh e ochd fichead us da throigh a dh’ fhad, ceith-fichead troigh a leud, agus da stòiri a dh’ àirde. Cosgaidh e mu thri fichead us da mhile dolair. Tha baile Shidni gu bhi, an uine ghoirid, làn uidheamaichte le eaglaisean. Tha eaglaisean Caitliceach agus Methodach ri bhi air an togail aig a Phier air an t-samhradh so, agus tha eaglais Shasunnach us eaglais Bhaisteach ri bhi air an togail an ceann shuas a bhaile. Agus tha aig na Cléirich a cheana eaglais ùr aig a Phier, agus talla ann an Ashby, agus talla eile ’ga togail aig na Coke Ovens. An uair a bhios na togalaichean so uile deiseil, bidh a ceithir deug de thaighean-aoraidh againn anns a’ bhaile. Thachair rud neònach ann am Boston maduinn Dior-daoin s’a chaidh. Bha fear G. H. Domhnullach aig ceadha nan soithichean-smùide an coinneamh a mhnatha ’sa shianar chloinne a bha tighinn air bàta Halifacs á Antigonish. Am feadh ’sa bha esan a’ feitheamh thainig am bàta stigh, agus gun fhios aige gu ’m b ’e bàta Halifacs a bh’ ann, cha deachaidh e dh’ amharc air son a theaghlaich am measg an luchd-turuis. Mar sin chaidh a’ bhean ’s a chlann air chall air, agus esan orra-san. Bha esan gu h-iomguineach ’g an sireadh air feadh a’ bhaile fad an latha ’s na h-oidhche, agus cha ’n eil teagamh nach robh iadsan a cheart cho iomguineach dha thaobh-san. Tha soitheach-seòlaidh le Murchadh Mac-Fhionnlaidh ann an St. Peter’s a’ cur eagail an cridhe air luchd an t-saobh-chràbhaidh anns a bhaile sin. Bha an soitheach so ’na laidhe anns an acarsaid o chionn faisg air tri miosan, gun duine dol an taobh a bha i idir; gidheadh nuair a chaidh an sgiobair air bòrd an la roimhe gus a cur an uidheam air son an t-samhraidh, fhuair e an cloc a dh’ fhàg e innte air obair, agus an spòg air an aon mhionaid ri uaireadair féin, direach mar a bha e nuair a dh’ fhàg e an soitheach air son a gheamhraidh. Cha teid sgioba ’n t-samhraidh s’a chaidh a nise ’n gaoth an t-soithich, agus tha aig an sgiobair ri seòladairean eile fhaotainn, ma ghabhas sin deanamh. Bha cùirt na siorrachd na suidhe anns a’ bhaile air an t-seachdain s’a chaidh. Bha áireamh mhor chàsan ri bhi air am feuchainn, barrachd mor ’sa b’ àbhaist bliadhnaichean roimhe. Ann an Simcoe, Ontario, bha nighean òg air a losgadh gu bàs an la roimhe. Bha i a’ glanadh paidhir lamhannan le olla, agus air dhi a dhol tuilleadh us faisg air an teine ghabh a cuid aodaich. Bha an Coirneal Steele, a bha ’na cheannard air Eachraidh Strathcona ann an Africa mu Dheas air a dhuaisneachadh gu math an la roimhe. Fhuair e coig mile fichead dolair bho Mhorair Strathcona féin. Tha an Riaghladh Breatunnach an deigh naodh ceud each a cheannach ann an Canada air son an cnr do Africa mu Dheas, far am bheil feum orra anns an arm. Tha iad ri bhi air an cur air falbh an ùine ghoirid á aon de phùirt nan Stàidean. Tha an acarsaid o chionn seachdain air a dùnadh leis an deigh mhoir, agus cha ’n eil cothrom aig bàta no aig soitheach falbh no tighinn. Tha an t-uisge fosgailte os ceann rudha nam barracks, ach eadar sin us Sidni Tuath tha e lan deighe. Thatar ag innse dhuinn nach eil meall mor sam bith de’n deigh a mach o bheul na h-acarsaid. Chaidh seann duine d’am b’ ainm Ichabod Powell air seacharan ann an siorrachd Chumberland o chionn da sheachdain, agus fhuaireadh a chorp anns a choille Di-ciaduin s’a chaidh. Bha coltas air a bhi marbh mu dheich latha mu ’n d’fhuaireadh e. Cha ’n eil teagamh nach b’e ’m fuachd ’s an t-ànradh a dh’ fhuiling e a dh’ aobharaich a bhàs. Bha e ceithir fichead us da bhliadhna dh’ aois. O chionn mios no dha air ais rinneadh maoir de dhithis no triùir de dh’ Eadailtich anns a bhaile so; bhatar a’ meas gu ’m biodh e na b’ fhurasda dhaibh an t-sith a chumail am measg an co-luchd-dùthcha na bhitheadh e do dhaoine nach tuigeadh an cainnt ’s nach robh eòlach air an dòighean. Di-ciaduin s’a chaidh thainig fear de na maoir sin a nall as na Coke Ovens le ban-Eirionnach a ghlac e air son a bhi air an daoraich, ach nuair a rainig e am priosan leatha, ’s ann air fhéin bu mhiosa bha ’n daorach na oirre-se. Leigeadh a bhan-Eirionnach uime sin ma’ sgaoil, agus chaidh am maor a chur do ’n ionad a tha air ullachadh fa chomhair luchd-bristidh an lagha. Chaidh a dhreuchd a thoirt uaithe air ball. Bha fear Iain G. Mac Coinnich air a mharbhadh aig laimhrig an iaruinn Di-satharna s’a chaidh. Bha sneachd òg air tuiteam an latha roimhe sin a bha comhdach gach ni, agus air dhasan a bhi ’coiseachd air mullach na laimrihg, shleamhnaich e, agus thuit e dh’ an uisge. Na thuiteam, bhuail a cheann air maide, agus bha e air a mharbhadh air ball. Bha e sia bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Rugadh e ann an siorrachd Phictou, ach bha a dhachaidh o chionn àireamh bhliadhnaichean ann am Boston. Bha a chorp air a chur air falbh do ’n bhaile sin maduinn Di-luain leis na Saor Chlachairean, comunn d’ am buineadh e o’n thainig e do Shidni. Bha Seirbhis Adhlacaidh air a cumail le buill a chomuinn oidhche na Sàbaid ann an eaglais St. Andrew’s. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 326] [Vol. 9. No. 42. p. 6] Comhradh. LE F. O. S. DOMHULL.—Innsidh mise dhut mar a tha, tha Callum tur aineolach air facal Dhé. Cia mar a bhiodh e air a’ chaochladh? Fear sam bith nach fosgail Biobull, no leabhar math sam bith eile, is ann glé aineolach a dh’ fheumas e bhith araon air a dhleasdanas do Dhia agus do dhaoine air an talamh, agus mar an ceudna air nàdar agus suidheachaidh an t-sluaigh a bhios air neamh. SEUMAS.—Is aithne dhomh fear no dithis dhe ’sheorsa air an taobh so dhe ’n dùthaich. Ged a theid aca air beagan leughaidh a dheanamh, cha’n ann air facal Dhé a bheir iad làmh. Bidh am paipeir-naigheachd ’nan dòrn gu math tric; ach mu dheidhinn facal a leughadh a leabhar math, cha dean iad e. D.—Tha daoine air thuar iad fhein a mhilleadh leis na bheil iad a’ deanamh de leughadh phaipearan. Tha iad a’ smaointean gu ’m bheil a h-uile facal a tha anns na paipearan cho fìor ris a’ Bhiobull. Agus air an aobhar sin bheir iad làn chreideas do gach naigheachd a leughas iad annta. Feumaidh mi fhin aideachadh gu ’n robh mi ùine fhada dhe ’n bheachd so, ach tha mi nis a’ faicinn gu ’n robh mi glé fhada cearr ’nam bheachd. S.—Am bheil thu ’g radh rium gu ’m bheil cead aig daoine naigheachdan breugach a chur anns na paipearan? Bha mi ’n dùil nach leigeadh an lagh sin leotha. D.—Ma bhios daoine ’cur naigheachdan anns na paipearan a bheir masladh no mi-chliù air daoin’ eile, gabhaidh an lagh gréim orra gun teagamh, agus tha feum gu ’n gabh. Ach ged nach biodh na naigheachdan a’ cur maslaidh no mi-chliù air daoine, faodaidh cuid mhòr dhiubh a bhith glé fhad o’n fhìrinn. Is e gnothach glé ghòrach do dhuine sam bith a h-uile facal a leughas e anns na paipearan a chreidsinn. S.—Tha mi ’cur m’ aonta ris na tha thu ’g ràdh. Ach shaoilinn nach leigeadh fear a’ phaipear le daoine a bhith cur naigheachdan breugach g’a ionnsuidh, D.—Ma bhios na naigheachdan air an cur sìos coltach ris an fhìrinn, mar a tha furasda gu leòr do dhuine gleusda sam bith a dheanamh, cha bhi dad a dh’ fhios aig fear a’ phaipear nach bi iad fìor gu leòr. Agus rud eile dheth, tha e tric a’ tachairt gur i an naigheachd mhearachdach a’s fhearr a phàigheas do ’n phaipear na ’n naigheachd fhìrinneach. Tha fhios agad fhein cho math riumsa gur i an naigheachd bhreugach a’s luaithe ’chreideas cuid de dhaoine na ’n naigheachd fhirinneach. Is ann a chionn gu ’m bheil am Bìobull làn fìrinn a tha cuid mhòr dhe ’n t-sluagh cho suarch m’ a dheidhinn. S.—Tha thu ceart gu leòr. Is iomadh uair a thug mi an aire gur ann mar is faoine agus is lugha gliocas a tha na naigheachdan, is luaithe ’shiùbhlas iad air feadh na dùthchadh. Agus tha mi ’creidsinn gu ’m bi a’ chùis mar so fad iomadh bliadhna agus linn. D.—Nach iomadh naigheachd mhearachdach a dh’ innseadh o chionn corr is bliadhna mu dheidhinn a’ chogaidh a tha ’dol air aghart ann an Africa? Tha mòran dhaoine anns an dùthaich a’ toirt làn chreideas dhaibh. S.—Am bheil thu ’smaointean gu ’n robh na h-àrd-cheannardan a th’ air an arm againn a’ cur naigheachdan mearachdach g’ ar n-ionnsuidh? D.—Cha ’n ’eil mi ’smaointean dad dhe leithid. Ach tha fhios is cinnt agam gu ’n robh na daoine a th’ air taobh naimhdean na rioghachd againn ag innseadh mòran naigheachdan a tha tur mearachdach. Bha iad a’ feuchainn ri thoirt air sluagh na rioghachd a chreidsinn gur e daoine matha, diadhaidh, cneasda, seasmhach a bh’ anns na Boerich. Ach tha mile dearbhadh againn nach b’ e. Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu ’m bheil sluagh eile air an t-saoghal an diugh a leith cho mearachdach ’s cho cealgach ’s cho carach ’s cho neo-sheashmach riutha a dh’ aindeoin cho crabhach ’s gu ’m bheil iad. Cha ’n ’eil mi idir ag ràdh gu ’m bheil iad uile cho dona; ach tha e soilleir gu leòr do dhuine sam bith a bheir fa near an gnothach nach ruigear a leas earbsa sam bith a chur annta mar sluagh. Tha na mnathan cho dona ris na fir. Tha iad an déigh call mòr a dheanamh, cha ’n ann le gaisge, ach leis a’ cheilg, agus leis na breugan. S.—Tha mi ’tuigsinn gu ’n do mharbh iad àireamh mhòr dhe na Breatunnaich. Ma tha na chuala mise fìor, is e gnothaach uamhasach a th’ ann. D.—Mharbhadh gu leòr dhiubh gun teagamh sam bith; ach feumaidh daoine a chumail ’nan cuimhne nach robh cogadh mòr riamh eadar Breatunn agus rioghachd sam bith eile anns an do mharbhadh cho beag. Tha cuimhn’ agad air a’ chogadh a bha eadar an Fhraing agus a’ Ghearmuilt o chionn deich bliadhna fichead. Is e cogadh ro fhuilteach a bh’ ann. Ann an aon latha thuit dà fhichead mile ’s a trì eadar na bha marbh is leointe! Ged a tha ’n cogadh ag obair ann an Africa o chionn corr math is bliadhna, cha ’n ’eil an aireamh a mharbhadh ’s a leònadh air an dà thaobh o’n a thòisich e a leith uiread sid. S.—Mur innseadh tu fhein sin dhomh, a Dhomhuill, is gann gu ’n creidinn e. D.—Tha mise ag innseadh na fìrinn dhut. Cha ’n ’eil math dhutsa ’bhith ’creidsinn a h-uile naigheachd a chluinneas tu o dhaoine do nach aithne na paipearan a leughadh ceart. Tha AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON. Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air each a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boid each a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 327] [Vol. 9. No. 42. p. 7] dùil aig a h-uile fear an diugh gur aithne dha na paipearan an leughadh. Mar is trice, is e am fear a’s aineolaiche anns a’ bhaile is mò a bheir de naigheachdan garbha as na paipearan. Bheir e asda an rud nach bi annta idir. Tha cuimhne dhaoine air fàs gle dhona. Tha gu leòr beò aig am faodadh cuimhne bhith air a’ chogadh ud cho math riumsa agus riutsa. Ach cha chluinnear guth no iomradh air. S.—Is e obair glé uamhasach a th’ anns a’ chogadh. B’ fhearr gu ’n sguireadh daoine dheth. D.—Tha eagal ormsa nach fhaic mise no thusa an lath’ anns an sguirear dheth. Tha ’n t-olc ro phailt anns an t-saoghal. Agus bidh aon rioghachd ag éirigh an aghaidh rioghachd eile gus am bi an saoghal mòran na ’s fhearr na tha e. S.—Ma bhios sin mar sin cha ’n ’eil fhios c’ uin a sguireas cogadh. A dh’ aindeoin na tha de chràbhadh agus de dh’ aidmheil diadhachd am measg dhaoine, cha ’n ’eil iad dad na ’s sìtheile ri chéile na bha iad ri mo cheud chuimhne-sa. Nach muladach an obair a tha ’dol air aghart am measg dhaoine ’s an àm so fhein? Tha ’n dòigh a th’ aig cuid de shluagh na dùthchadh an diugh na chuis nàire. Cha ’n ’eile àite anns an suidh no an seas mi nach cluinn mi daoine aig connsachadh teith, teann mu dheidhinn eaglaisean. Tha de smàdadh ’s de chul-chàineadh a’ dol air aghart rud a tha uamhasach. Nam biodh an sluagh gu leir a’ cur a leith uiread de dh’ earbsa ann an teagasg soilleir a’ Bhiobull ’s a tha iad a’ cur ann an cainnt dhaoine, bhiodh iad caoimhneil teò-chridheach ri cheile, agus a’ toirt urraim dha cheile mar a tha Dia ag iarraidh orra. Ach is ann o aineolas agus o dhimeas air facal Dhé a tha cuid mhòr dhe ’n aimhreit ag eirigh ann am measg dhaoine. D.—Tha thu ceart gu leòr. Ach tha eagal ormsa gu ’m bi bliadhna no dhà mu ’n faic thusa no mise sìth ann am measg an t-sluaigh. Cha ’n ’eil agamsa agus agadsa ach fuireach uatha, agus an aire mhath a thabhairt gu ’m bi fàcal Dhé do ghnàth againn mar ar riaghailt stiùridh. Cuireamaid cùl ris gach connsachadh agus aimhreit, agus strìth; oir cha’n oibrich fearg duine fireantachd Dhé. (Ri leantuinn.) Iadsan a Phaigh. Seumas Calldanach, Beighe ’n Iar. Steaphan D. R. Mac Neill, Benacadie. Domhull Mathanach, Mullach Hogamah. Bean Neil ’Ic Ille-Mhicheil, Hogamah. Seumas I. Mac Gilleain, Glean Moireastan D. M. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach. M. Mac Fhionghain, am Beighe ’n Iar. D. A. Mac Isaic, Loch an Fhuamhaire, N.S Alasdair Mac Leoid, Valleyfield, E. P. I. Bean D. Johnstone, Montague, E. P. I. Cyrus D. Dùghlach, De Sable, E. P. I. D. K. Domhnullach, Milan, Que.E. P. I. D. W. Mac-Gìllebhràth, Dailche, Ont. F. Mac-an-Tòisich, Red Jacket, Assa. A. R. Domhnullach, Albany, N. Y. Mairi Nic Amhlaidh, Dorchester, Mass. Iain Mac Thorcuill, Iron, Minn. D. C. Mac-an-t-Saoir, Cleveland, Ohio. D. Mac-Callum, Cleveland, Ohio. Caipt. A. Mac-Lachluinn, Detroit, Mich. Raonull Mac Gilleain, Detroit, Mich. Callum Mac Lachluinn, Detroit, Mich. Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Laoidhean Dhughaill Buchanain .10 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands,by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian. (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA.” Sydney, Cape Breton, Canada. AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. INNSRIDH TAIGHE ’S BRAT-URLAIR. THA SINN A’ CREIC Paipearan Balla Geancach Dhe gach searsa. Cuiridh sinn Taighean nan lan Uidheam FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH. GORDON & KEITH, SRAID SHEARLOT. A. T. GRANND, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 328] [Vol. 9. No. 42. p. 8] Oran Molaidh Do Mhàiri nighean Alasdair Dhochan-fhasaidh. LE ALASDAIR DOMHNALLACH ’SA CHEAPAICH. Air dhòmhsa bhith ’m aonar Troimh aonach nam beann, Gu ’n gleus mi na teudan ’S gun té dhiu air chall, Gu seinn mar bu mhiann leam ’Chur rian air gach rann Do nigh’n duinn a chuil shniomhain So shios anns a ghleann. ’S Ban-Chamaronach chinnteach An ribhinn ghlan og, Dhe ’n fhine cho rioghail ’S a chinn ’san Roinn-Eorp’. Gu ’m b’ ainmeil na ’n tìm iad Ri ’n ìnns anns gach seol; ’S math ’sheas iad Sir Eòghan, Làmh theom’ air cheann slòigh. Gur gile mo chaileag Na canach nam bruach; Na cobhar na mara Air bharraibh nan stuadh; Na sneachda nan speuran, A thearnas na ’luaths Bho charbad nan àrdaibh, Le àithne gaoith tuath. Mar ’n oiteag chiuin thlàthail Bho ghàradh nam flùr, Tha ’h-anail bho pòraibh ’Toirt còmhraidh gu sunnd; ’S tha meall-shùilean mòdhar Ga ’seòladh le tùr, Gu imeachd na ràidean ’Thug àirde d’a cliu. Mar ’n ròs ’nuair a ’s àill’ e Fo bhàrcaibh nam braon, Tha ùr-chruth na h-òighe Thug còrr air gach aon. ’S binne i leam na ’n smeorach, ’S a òg-mhadainn chaoin, An tus a mhios’ chéitein Air gheugaibh nan craobh. Tha ’cuailein mu ’guaillibh ’N a dhualagaibh dlùth, Gu sniomhanach, bòidheach Ga ’còmhdach mar chrùn, Na ’chamagaibh riomhach, Ro ghrinn fo ’cir-chùil, Gu cuachagach, fàinneach Mu bhràighe mo rùin. Is binne na teudan Guth reidh na h-oigh’ mhàld’: B’e m’ aiteas is m’ eibhneas Bhith ’g éisdeachd ri m’ ghradh, Nuair ’ghleusadh i ’duanag Am buaile nam bà; Laoigh òga mu ’n cuairt d’ i, ’S a chuach ’s i fo chràic. Ge b’ e gheibh air laimh An deas àilleag ghlan, ùr, Thig caoimhneas gu ’fhàrdaich ’Bheir dha-san gach mùirn. Nuair ’ni e ’bhean uasal A bhuannachd le cliu, Gum mol e na làithean ’S na thàr e oirr’ iul. Domhnull Ciomaineach. Horò, Dòmhnull Ciomaineach, Rinn Alasdair a’ bhrigis dha, Agus jacket sgiobalta, ’S cha ruigeadh i na màsan. “Tha i cumhann, tha i teann,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Sin agad an t-aodach gann,” Arsa Alasdair Tàilleir. Horo, etc. “Tha poca mòr air a cùl,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Sin agad am fasan ùr,” Arsa Alasdair Tàilleir. “Bha thu aig mo bhanais fhéin,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Ma bha gur beag na fhuair mi dh’ fhéisd,” Arsa Alasdair Tàilleir. “Dh’ ith thu cearc air t-aghaidh fhéin,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Cha d’ ith mi dhi ach bàrr na sgéith,” Arsa Alasdair Tàilleir. “Roinn mi air na h-igheanan i, ’S beag a bha de shithinn oirre, ’S ged nach fhaighinn idir i Cha bhithinn ach mar bha mi.” “Dh’ ith thu marag an reith ghlais,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Ma dh’ ith, cha bu mhath a blas,” Arsa Alasdair Tàilleir. “C’ arson a leag thu ’n gàradh-crich?” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “An crodh a leigeil sios ’s a nios,” Arsa Alasdair Tàilleir. “’D é th’ agad anns a’ phoit?” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Pàirt de mharagan a’ mhoilt,” Arsa Alasdair Tàilleir. “Bidh iad math ’n uair bhios iad bruich,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Cha téid gearradh ann ad bhus,” Arsa Alasdair Tàilleir. “Ach ma bha thu air an fhéill,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach, “Bidh na caileagan am dhéigh,” Arsa Alasdair Tàilleir. “Ach ma cheannaich thu cir-chùil,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “’S cinnteach gu ’n do chosd i crùn,” Arsa Alasdair Tàilleir. “’S e tortoise shell a bha ’n a cùl,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Sin agad am fasan ùr,” Arsa Alasdair Tàilleir. “’S ann agad a tha ’n droch bheul,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “Tha thusa ’g innseadh nam breug,” Arsa Alasdair Tàilleir. “Tha mise toileach gabhail ort,” Arsa Dòmhnull Ciomaineach; “’D é ’n riasan th’ agad dhomh?” Arsa Alasdair Tàilleir. B’i sud a’ chàraid iongantach, ’N uair thòisich iad air ruigheachas, Chuir Alasdair ’s a’ mhionaid e, ’S an innidh air a mhàgan. Comhairle Mathar d’a Mac. LE FLORAIDH NIC-A-PHI, BAN-ILEACH. Chuala mi Di-dòmhnaich Gu’n robh thu dol a phòsadh; Ach tha mi ’n dùil ’s an dòchas Nach taobh thu ’n Oa ghrannda. Na taobh an Lagan ìosal; Cha ’n ’eil ann ach crìonach, Mar chraobhan a ghabh spìonadh ’S a chinn an dìg a’ ghàraidh. Na toir craobh o’n amhuinn leat; O bhàrr an dùin tha meangan di; Coma leam an rabaid Chaidh phronnadh chois na tràghadh. ’S o’n a thug mi ’n choille thu Feuch gu’n dean thu taghadh oirr’; ’S coma leat an seilleach Gus an teirig fiodh is feàrr ort. Na taobh a’ choille chròcach; Coma leat an seòrsa; Ach an iùbhrach a tha bòidheach An Gleann na smeòraich làimh riut. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 329] [Vol. 9. No. 43. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 26, 1901. No. 43. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Le Iain. CAIB. XXI. “A chionn nach ’eil binn an aghaidh droch oibre ’ga cur an gniomh gu luath, uime sin tha cridhe chloinn nan daoine lan-shuidhichte air olc a dheanamh.” B’ FHEUDAR do ’n Uachdaran a dhol le ’mhnaoi agus le ’theaghlach gu ruige aon dhe na dùthchannan blàth’ a tha ann an Tir-mòr na Roinn-Eorpa air son math an slàinte, agus air an aobhar sin, bha riaghladh na h-oighreachd gu buileach ann an lamhan a’ mhaoir ’s a’ bhàillidh fad dà bhliadhna, no corr. Ghabh am maor an cothrom so air iomadh atharrachadh a dheanamh air an fhearann a bh’ aig an tuath. Agus mar a dh’ ainmicheadh cheana, bha ’m bàillidh deas gu leòr gus rud sam bith a dheanamh a theireadh am maor a bha ceart; oir cha robh e mar bu trice a’ dol do ’n dùthaich ach aon uair ’s a’ bhliadhna. Agus o nach robh e ’tuigsinn staid an t-sluaigh bhochd a bh’ air an oighreachd, cha robh co-fhaireachadh sam bith aige riutha. Ach feumar a radh nach robh mòran de nàdar na ceilge agus a’ mhi-rùin anns a’ bhaillidh idir. B’ e ’n cron bu mhò a bh’ air, gu ’n robh e tuilleadh is deas gu comhairle a’ mhaoir agus dhaoin’ eile ’ghabhail. Bha e ’creidsinn gu ’n robh an àireamh bu mhò dhe ’n tuath riaraichte gu leòr leis gach atharrachadh a bha am maor ag iarraidh a dheanamh. Ged a dh’ fheòraich e de chuid dhiubh an robh gach atharrachadh a bha ’na bheachd a dheanamh a’ tighinn a réir am miann, cha bu dana le h-aon dhiubh a ràdh nach robh. Bha fhios glé mhath aca, mur biodh iad aontach leis gach ni a theireadh am maor, gu ’n caitheadh e dioghaltas orra uair no uaireiginn. An àm a bhith ’deanamh an atharrachaidh, fhuair càirdean a’ mhaoir, agus a h-uile duine eile a bha gu math fad a staigh air, leasachadh fearainn dhe ’n fhearann a b’ fhearr a bha ri fhaighinn. Agus a bharrachd air so, fhuair feadhainn eile a’ cuid a b’ fhearr dhe ’n fhearann a bha ’n tuath, le mor-dhichioll, agus le saothair chruaidh a’ toirt, o bhliadhna gu bliadhna, gu fearann math àitich. Iomadh bliadhna roimhe sid thug an t-Uachdaran a h-uile misneach do ’n tuath gus iad na b’ urrainn daibh dhe ’n mhòintich a thoirt gu fearann àitich; agus gheall e dhaibh gu ’m faigheadh iad gun sgillinn mhàil a h-uile ploc fearainn a bheireadh iad a steach gu fearann àitich. Agus an uair a chunnaic iad am fearann math, réidh air an do chosg iad uiread dhe ’n saothair fad iomadh bliadhna air a thoirt uapa, agus air a roinn air na lunndairean leasga, sodalach, brosgalach air an robh meas cho mòr aig a’ mhaor ’s aig a’ bhaillidh, bha dorran gu leòr orra. Ach cha leigeadh an t-eagal leotha am beòil ’fhosgladh mu ’n chùis ri maor, no ri baillidh, no ri Uachdaran. Ach ged a bhios daoin’ eucorach a’ toirt orra fhein a chreidsinn gu ’n teid aca, air aon dòigh no dòigh eile, air gach eucoir is foirneart a bhios iad a’ deanamh a chumail am falach o shùilean ’s o chluasan dhaoine, tha sùilean is cluasan ann air nach teid rud sam bith seachad. Chi an t-sùil uile-léirsinneach gach math is olc a tha ’dol air aghart air an talamh, agus, luath no mall, thig binn eagalach am mach an aghaidh gach neach a bhuanaicheas anns an olc. Gu math tric thig saorsa gu daoine truagha, sàruichte, air rathad agus air dòigh nach do shaoil iad. Thachair gu ’n d’ thainig duin’ òg a mhuinntir na dùthchadh a bha ’na mhaighstir sgoile ann an àit’ eile dhe ’n Ghaidhealtachd, dhachaidh aig an àm a dh’ amharc air a chuideachd. An uair a chual’ e mu ’n eucoir a bha ’n luchd-riaghlaidh a’ deanamh air an tuath, thairg e iarrtus a sgriobhadh dhaibh gus a chur air beulaobh a’ bhaillidh, ann an dòchas gu ’n rachadh stad a chur air obair a’ mhaoir ’s a’ bhaillidh. Chuir àireamh mhath dhe na daoine an ainm ris an iarrtus; agus air lath’ àiridh an uair a bha ’m baillidh ’s am maor a’ deanamh gnothaich ri cuid dhe ’n tuath, chaidh iad far an robh e leis an iarrtus. Cha bu luaithe a leugh am baillidh an t-iarrtus na thainig droch ghreann air a ghnùis. Thilg e am paipear mu chasan a’ mhaighstir-sgoile agus le guth feargach thuirt e ris e bhith ’gabhail am mach as ’fhianuis. Cha d’ thug am maighstir-sgoile no na daoine a bha comhladh ris freagairt mhath no olc air. Thionndaidh iad air falbh, agus dh’ fhàg iad e fhein ’s am maor ann an sid. Na ’n d’ éisd am baillidh riutha gu ciùin, foighidneach mar bu chòir do dhuin’ uasal a dheanamh, is docha nach robh guth air a bhith m’ a dheidhinn tuilleadh. Ach ged nach dubhairt am maighstir-sgoile aon fhacal ris, chuir e roimhe na ’m b’ urrainn e, nach rachadh eucoir a’ mhaoir ’s a bhaillidh móran na b’ fhaide air aghart. Mu ’n deachaidh mòran laithean seachad, dh’ aithnich cuid dhe na chuir an ainm ris an iarrtus gu ’n robh gruaim air a’ mhaor ’s air a’ bhaillidh riutha. Bu cho math leotha aig an àm nach do chuir iad an ainm ris an iarrtus riamh. An deigh do ’n mhaighstir-sgoile tilleadh air ais a dh’ ionnsuidh a thaighe fein, thachair dha coinneachadh air lath’ àiridh ris an Uachdaran a bh’ air an oighreachd anns an robh an sgoil aige. Bha ’n t-Uachdaran so ’na dhuine ro uasal, iriosal, agus o’n a bha meas mòr aige air a’ mhaighstir-sgoile, bu ghlé thric leis greis dhe ’n ùine a chur seachad a’ comhradh ris. Am measg gach seanachus eile ’bh’ aca, thug iad iomradh air an Uachdaran a bh’ air an oighreachd de ’m buineadh am maighstir-sgoile. Bha seann eòlas aig an dá Uachdaran air a chéile; oir bha iad le chéile ann an aon de dh’ àrd-sgoiltean na rioghachd. Dh’ innis am maighstir-sgoile dha a h-uile car mar a bha am maor agus am baillidh a’ deanamh. An uair a chuir am maighstir-sgoile crioch air na bh’ aige ri innseadh, thuirt an t-Uachdaran ris, “Na ’m biodh fhios aig mo charaid air àn dòigh anns am bheil an oighreachd aige air a riaghladh cha bhiodh fear dhe ’n dithis ceithir uairean fichead ’na sheirbhis. Tha e ’ga dheanamh fhein làn-chinnteach gur ann aige a tha ’m maor ’s am baillidh cho dìleas agus cho ceart ’s a tha aig fear dhe ’sheorsa ’s an rioghachd. Ach mu ’m bi e mòran na’s sinne na tha e, innsidh mise dha mar a tha na fir a’ riaghladh na h-oighreachd aige. Tha eagal orm gur ann air fhein a tha ’n tuath a’ cur na coire gu léir. Tha mi ’n dòchas gu ’n seas thusa ri d’ fhacal, ma dh’ fheumar do thoirt an làthair a’ bhreitheimh gus fianuis a thogail an aghaidh ’nan daoine. “Seasaidh mise ri m’ fhacal gun teagamh; agus ma chuirear air mo mhionnan mi ’s gu ’n ceasnaichear gu math mi, tha amhrus agam gu ’m fàgar am maor gu math dubh. Ma tha ’n darna leith dhe na chuala mise mu dheidhinn a’ mhaoir fior, cha bu chòir gu ’m biodh e lath’ eile anns an dreuchd anns am bheil e,” ars’ am maighstir-sgoile. Cha robh air a so ach so fhein. An ceann beagan mhiosan, thachair an dà Uachdaran ri cheile ann an Duneidionn. Agus o’n a bha seann eòlas aca air a chéile, agus iad ùine fhada gun a chéile fhaicinn, chuir iad seachad greis mhath dhe ’n ùine a’ comhradh mu thimchioll iomadh naigheachd ùr is sean. Mu dheireadh thainig aca air bruidhinn mu dheidhinn nan gnothaichean a bhuineadh do ’n cuid tuatha, agus an dòigh anns an robh iad air an riaghladh. Thuirt fear dhiubh, “Tha amhrus làidir agamsa, ’Sheumais, nach ’eil an tuath a th’ air an oighreachd agadsa a’ faighinn ceartais mar bu chòir dhaibh, agus tha cuid mhòr dhe ’n choire ri chur ortsa. Bu chòir dhut a bhith cinnteach gu ’m bheil an luchd-riaghlaidh a tha fo d’ laimh ’nan daoine cearta, cothromach nach dean claonbhàigh ri duine seach duine.” “Tha mise gle mheallta ’nam bharail ar neo tha na daoine ris an d’ earb mi riaghladh na h-oighreachd ’nan daoine a tha ceart agus cothromach gu leòr. Tha iad a nis anns an dreuchd àireamh bhliadhnachan, agus gus an diugh cha chuala mi facal gearain mu ’n deidhinn. Bu mhath leam dearbhadh làidir fhaighinn gu ’m bheil iad ciontach dhe na bheilear a’ cur as an leith mu ’n creidinn e,” ars’ esan, agus coltas mi-thoilichte air a ghnùis. “Gheibh thu dearbhadh gu leòr air a’ chùis ma thogras tu rannsachadh a dheanamh m’ a dheidhinn. Chuala mise fathunn o chionn leith-bhliadhna nach robh cuid dhe ’n tuath agad a faighinn ceartais; agus o’n a bha toil agam fios cinnteach fhaotainn, dh’ fheòraich mi dhe ’n mhaighstir-sgoile, an uair a thill e dhachaidh as an oighreachd agadsa an déigh dha bhith ag amharc air a chàirdean, an robh guth fìrinn anns an fhathunn a chuala mi. Ged nach robh e deònach an toiseach leigeil air gu ’n cual’ e dad cearr mu dheidhinn a’ mhaoir ’s a’ bhaillidh, dh’ aidich e mu dheireadh gu ’n cual’ e o urra gle chinnteach, gu ’n robh am maor, le aonta ’bhaillidh, a’ toirt fearainn o chuid dhe ’n tuath, agus ’g a thoirt do dhaoine bu toigh leis fhein.” [TD 330] [Vol. 9. No. 43. p. 2] “Am bheil thu cinnteach gu ’n d’ innis e an fhìrinn dhut?” “Tha mi deimhin gu ’m bheil na dh’ innis e dhomh fìor gu leòr. Agus is e mo bharail gu ’m faodadh e mòran a bharrachd air sid innseadh dhomh na ’n do thogair e. Is duine modhail e air nach do chomharraicheadh breug riamh fhathast, ged a tha e àireamh bhliadhnachan air an oighreachd agam.” “Feumaidh mi a’ chùis a rannsachadh gun dail; ach bu mhath leam am maighstir-sgoile ’fhaicinn an toiseach, agus beagan ceasnachaidh a dheanamh air.” “Innsidh mise dhut an rud a’s fhearr dhut a dheanamh. Theid thu air an ath sheachdain do ’n taigh agamsa; oir cha ’n fhaigh mi tilleadh dhachaidh gus a sin. Agus cuiridh mise fios air a’ mhaighstir-sgoile. Ma tha teagamh agad nach d’ innis e an fhìrinn dhomhsa, faodaidh tu a cheasnachadh ’nam lathair-sa.” Dh’ aontaich an t-Uachdaran eile gu ’n robh so ceart gu leòr, agus an uair a shuidhich iad an lath’ air an coinnicheadh iad a rithist, dh’ fhàg iad slàn aig a chéile, agus dhealaich iad. (Ri leantuinn.) Tamhaisg. LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASACHO. Earrann II. BHA dà ghille òg, na co-dhiù gill’ òg agus seann fhleasgach, còmhladh air mhuinntireas aig tuathanach. Bha iad a cadal còmhladh air lobhta an stabuill. Thainig e ann an ceann an t-seann fhleasgaich, air oidhche shonruichte, gu ’m falbhadh e ’dh’ iarraidh mnatha. Feumaidh gu ’n d’ thainig a ni na inntinn car a chlisgeadh, a chionn thuirt cuid dhiubhsan d’ am b’ aithne gu math e, gu ’n d’ thainig e air mar a thig a ghlais-sheile (waterbrash) air neach d’ am bi an galar sin buailteach. Cha robh am boirionnach a bha e dol a dh’ iarraidh fad as; ach o’n a bha e ’m beachd gu ’m biodh an réiteach ann air an oidhche ud fein, bha a ni sin a dh’ fheumas a bhi mu ’n cuairt air gnothuch cudtromach dhe ’n t-seòrsa ud fada bhuaithe—’s e sin an t-uisge-beatha. Cha robh deur ri fhaotainn ni b’ fhaisge air na ceithir mile a dh’ astar. “Am falbh thusa, a Dhomhnuill,” ars’ an seana fhleasgach ri chompanach, “agus am faigh thu ’n t-uisge beatha?” Cha bu ruith ach leum sud le Dòmhnull, ’sa mach a ghabh e, agus ged a bha ’n t-asdar fada cha robh Dòmhnull fada ga chuir seachad, agus ged a choisich e eadar falbh ’us tighinn cho math ri ochd mile, cha b’ fhada gus an do nochd e e-fein air ais air lobhta ’n stabuill; ach cho luath ’sa chunnaic a chompanach e ’s ann a ghabh e eagal. Bha Dòmhnull mar gu ’m biodh e dol anns an anart, ’s thilg e e-fein air uachdar na leapa, ’s cha robh smid a sios na ’nios ann car greis; ach, co dhiù, cho luath ’sa fhuair e comas a theanga, so a naigheachd a bh’ aige ri innseadh do ’n fhear eile:—“An uair a bha mi a dìreadh ris a bhruthach a nuas os cionn an uillt, dh’ fhairich mi mi-fein air mo ghlacadh mu ’n teis-meadhoin, mar gu ’m bithinn air mo ghlacadh le neach a bhiodh a dol a chuir car-a-gleachd leam; an sin chaidh mo thogail o’ n làr agus ma dhruim a thilgeadh ris an talamh mu ’n gann a bha fios agam de bha mi deanadh. Bha mi air mo bhonnabh ann am priobadh, ach mu ’n gann a bha, chaidh an tomhas ceudna a dheanadh a rithist orm, agus sin tri uairean an déigh a cheile; ach an treas uair cho luath ’sa fhuair mi air mo bhonnabh theich mi cho luath ’sa b’ urrainn mi. Cha ’n fhaca ’s cha chuala mi sion saoghalta.” An uair a thainig Dòmhnull gus na briathran mu dheireadh de a naigheachd, chuir a chompanach a làmh air gualainn Dhomhnuill, agus ars’ esan, “An do bhrisd thu na botuil, a Dhòmhnuill?” Ach cha do bhrist Dòmhnull na botuil—bha iadsan gu làn, slàn, fallain. Agus chaidh an còrdadh a dheanadh an oidhch’ ud fhein, agus a bhanais ann an ùine iomchuidh as a dhéigh sin; ’s cha robh dad ann am beatha na càraid, ach mar a bha ann an cumanta ann am beatha a leithid eile air feadh na dùthcha, ach mar a thachair do ’n fheadhainn a chunnaic tamhasg a bhoirionnaich, agus an duine mhoir, air an d’ thug mi iomradh cheana. Cha ’n fhaca ’s cha d’ fhairich Dòmhnull ni riamh, roimhe sud no na dheigh, a chuir eagal no ioghnadh air, agus nach gabhadh tuigsinn leis. Faodaidh cuid a bhi smaointean, o’n bha Dòmhnull ’s an tigh-òsda, gu ’n do dh’ òl e tuille ’sa chòir, agus gu ’n robh an spiorad a bha ’n taobh a stigh dheth a toirt air a chreidsinn gu ’n robh spiorad eile air an taobh a mach dheth, ach cha b’ ann mar sin idir a bha chùis; cha do dh’ òl Dòmhnull deur air an oidhch’ ud gus an d’ thug a chompanach dha e an deigh dha tilleadh. Ach bha cuid ag ràdh aig an àm, gur e thachair air Dòmhnull spiorad an duine bheò, agus bheireadh iad am barail—car faicleach, gun teagamh—cò ’n duine beò da ’m buineadh an spiorad a bh’ ann, agus gur h-e ’n t-aobhar a bh’ aige, airson a leithid sud de ghiollachd a thoirt do Dhòmhnull, gu ’n robh sùil aige fein anns a bhoirionnach. Ach faodar a cheisd fharraid: C’ar son a chuir an duine so a spiorad a mach a ghiollachd Dhòmhnuill, aig nach robh déigh no sùil anns a bhoirionnach? c’ar son nach deach e agus nach d’ thug e ghiollachd do ’n fhear a bh’ air lobhta ’n stàbuill? A nis, air eagal ’s gu ’m faod a h-aon agaibh a bhi mach anamoch, agus gu ’n tachair spiorad an duine bheò oirbh, innsidh mi dhuibh mar is còir dhuibh sibh fein a ghnàthachadh aig a leithid sin de dh’ àm cunnartach. Ma bhios an caraid dileas sin do ’n duine na ’r cuideachd, an cù, feumaidh sibh an aire thoirt nach gairm sibh e air ainm, a chionn ma gheibh an spiorad ainm a choin, gheibh e ’n cù air a thaobh fein agus nar n-amhach-se, ’s cha bhi ar tiarnadh ach caol, ma gheibh sibh idir beò as an greim. Ach a chum ’s nach faigh an spiorad ùghdarras thairis air a chù, bheir sibh fuil á cluas chli a choin, agus tha e air a ràdh le cinnt mu ni sibh so air a chù, gu ’n rachadh e ann am bad Mhic mollachd fein, gun ghuth air spiorad duine. Ach nan eireadh e mach gur ann a bha ’n ur cuideachd galla, ’s nach b’e cù, feumaidh sibh buntainn rithise air atharrachadh dòigh. Cha ’n fhaod sibh a gairm air a h-ainm, ni ’s mò na dh’ fhaodas sibh an cù a ghairm, ach an àite fuil a thoirt aisde-se, ’s ann a chuireas sibh coingheall oirre, ’se sin cuiridh sibh dhibh gartan na coise clì agus ceanglidh sibh mu amhaich na galla e. Cha ’n ’eil fhios agam, na ’n eireadh dhuibh tuiteam na leithid so de chunnart, nach faigheadh sibh a mach ’nuair a bhiodh e tuilleadh ’s anamoch, nach robh gartain idir oirbh. Agus neimheil, dànnara ’s mar a theid ’n cù sàs ’n uair a theid fuil a thoirt as, cha ’n ’eil e ach faoin ann an coimeas ris a ghalla, ’n uair a gheibh i gartan na coise clì mu ’h-amhaich na choingheall. Chuala mi fear ag ràdh aon uair—ach ’s iomadh facal mor a thuirt a cheart fhear riamh—gu ’m fac’ e fein, “le dhà shuil,” i dol an sàs anns an dòigh so, agus a mhuing air cùl a h-amhach na sheasamh, ’sa h-uile ròine dheth cho garbh ri friodhain an tuirc. Cha ’n ’eil fhios agam an e ’n aon ni a tha ’m facal “coingeall” a ciallachadh, ’n uair a tha e air uisneachadh anns an t-seadh so, ris an fhacal “coingheall,” comhsdath. Cha tachradh seann daoine oirbh, mu chladaichean tuath Earraghàidheal, a chionn deich bliadhna fichead, a theireadh, “tha colair mu amhaich a choin,” ’se theireadh iad, “tha ‘coingheall’ mu amhaich a’ choin.” B’ aithne dhomh duine coir aon uair de m’ shaoghal, agus cha do chuir e colair riamh air. Thuirt a bhean ris aon latha ’s e falbh a dh’ ionnsaidh na féille, “A Dhùghail, c’ar son nach cuir thusa coileir mu d’ mhuineal, coltach ri daoine eile, ’s tu dol thun na féille?” “Coileir no coingheall,” arsa Dùghal, “cha deach ’s cha téid mu m’ mhuinealsa. Cha bhi coingheall ach air coin nan daoin’ uaisle.” A nis, ann am measg nan nithean sin a bhithear a faicinn ’sa cluinntinn, agus nach gabh tuigsinn do ’n fheadhainn a chì iad, agus nach gabh creidsinn do ’n fheadhainn nach faic iad—’s iad sin solus no sanas-mairbh, ’se sin ri ràdh gu ’m faicear no gu ’n cluinnear air uairean, ni eigin a tha na shanas roimh bhàs neach. Bha triùir no ceathrar fhear oidhch’ air tràigh ’s iad a sgriobadh le lion-coise. Bha ’n oidhche fiathail, gun a bhi fuasach dorcha, agus chual’ iad bàta ag iomram agus a tighinn an rathad a bha iad. Bha buillean nan ràmh ri chluinntinn gu soilleir, agus chaidh am bàta, co-dhiù mar a shaoil iadsan, gu tir aig carraig nach robh fad uapa, ’s bha iad a cluinntinn coiseachd dhaoine air a charraig, agus fuaim, mar gu ’m biodh maidean ga ’n tilgeadh as a’ bhàta air tir air a charraig, ach ged a bha iad a cluinntinn a h-uile dad dheth sin cha robh iad a faicinn dad, rud a bha cuir ioghnadh gu leòir orra, a chionn cha robh an oidhche cho dorcha, no charraig cho fada uapa ’s nach bu choir dhaibh gu ’m faiceadh iad cruth agus gluasad nan daoine. Co-dhiu dh’ fhàg iad an lion air an tràigh agus choisich iad uile a null dh’ ionnsuidh na carraige, ’s an uair a rainig iad sud cha robh duine no bàta no maide air a charraig. Ach seachdain no dha as a dhéigh sud shiubhail a h-aon de sheann mhuinntir na sgireachd, a bha chomhnuidh iomadh bliadhna ann an sgireachd eile, agus o’n a b’e a mhiann fein gu luidheadh a chorp còmhladh ri cràmhan a shinnsireachd, thug iad a chorp ann am bàta air astar fada, agus sann air a charraig air an cuala na daoine an fhuaim a chuir an t-ioghnadh orra air an oidhche a dh’ ainmich mi, a thugadh an corp air tir, agus bha h-uile h-aon dhe ’n fheadhainn a bh’ air an tràigh leis an leis an lion-sgriobaidh, air a charraig a measg muinntir eile, agus fuaim nan ràmh ’n uair a bha ’m bàta a tighinn gu cladach, a toirt ann an cuimhne gach aon aca, an fhuaim a chual’ iad an oidhche bha iad air an tràigh. (Ri leantuinn). Am fear aig am bheil meas mòr air fhein, cha bhi aig ach fior bheagan meas air an Tighearna. Tha e ’toirt taing agus cliù dha fhein air son gach soirbheacdadh aimsireil agus eòlas spioradail a th’ aige. Ach ged a their esan eòlas spioradail ris an eòlas a th’ aige, cha ’n e fìor eòlas spioradail a th’ ann. An t-eòlas nach ’eil air a chom-pàrtachadh le Spiorad Dhé, cha ’n urrainear fìor eòlas spioradail a ràdh ris. [TD 331] [Vol. 9. No. 43. p. 3] Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. XI. BHA Fetnah air tuilleadh a radh mur b’ e gu ’n d’ thainig ard-mharsanta nan seudan a steach do ’n t-seomar anns an am. Thuirt e ri Fetnah, “A bhaintighearna, tha mi air tighinn o fhaicinn seallaidh a tha gle mhuladach. Thugadh duine og air muin camhail gus an taigh-eiridinn am Bagdad. Bha e cho lag ’s nach b’ urrainn e fuireach air muin a’ chamhail gun a bhith air a cheangal le cuird. Bha iad air a thoirt bhar muin a’ chamhail, agus a’ dol ’g a thoirt a steach do ’n taigh-eiridinn an uair a thachair dhomhsa ’bhith ’dol seachad. Chaidh mi far an robh e, agus an uair a bheachdnaich mi gu math air, bha mi ’smaointean gu ’m faca mi ’aghaidh roimhe. Dh’ fheoraich mi dheth mu thimchioll an teaghlaich agus na duthchadh do ’m buineadh e; ach an aite mo fhreagairt is ann a bha e ’sior osnaich agus a’ sileadh nan deur. Ghabh mi truas dheth agus o ’n a tha mi cho eolach air daoine tinne, thug mi an aire gu ’m bheil feum aige gu ’n gabhteadh curam sonraichte dheth. Cha leiginn leotha a chur do’n taigh-eiridinn; oir tha fhios agam gle mhath air mar a tha iad a’ deanamh ris na daoine tinne, agus tha fhios agam nach ’eil na lighichean ro sgileil. Thug mi air mo sheirbhisich a thoirt do mo thaigh fhin; agus tha iad a nis, mar a dh’ ordaich mi dhaibh, ann an seomar diomhair, far am bheil iad a’ cur aodach glan uime, agus a’ deanamh ris mar a dheanadh iad rium fhin.” An uair a chuala Fetnah na briathran so, thug a cridhe leum as, agus dh’ fhairich i i-fhein air a gluasad ’na h inntinn air dhoigh nach b’urrainn i ’thuigsinn. Thuirt i ris, “Thoir mise do ’n t-seomar anns am bheil an duine tinn; bu mhath leam fhaicinn.” Thugadh a steach i do ’n t-seomar anns an robh an duine tinn. Agus an uair a fhuair mathair Ghanem agus Alcolomb, an seomar dhaibh fhein, thuirt a mhathair: “Ochan! a nighean, truagh ’s mar a tha ’n coigreach tinn ud, is docha gu ’m bheil do bhrathair, ma tha e beo, a’ cheart cho truagh staid ris.” An uair a chaidh Fetnah a steach do ’n t-seomar anns an robh an duine tinn, agus a chaidh i dluth do ’n leabaidh air an robh e ’na laidhe, chunnaic i duine og agus a shuilean duinte, ’aghaidh glasneulach, gun tuar, agus fliuch le deoir. Bheachdaich i air gu geur, thoisich a cridhe ri bualadh gu luath, agus shaoil i gur e Ganem a bha fa comhair; ach cha b’ urrainn i thoirt oirre fhein a chreidsinn gur e ’bh’ ann. Ged a chunnaic i ni eiginn ann a bha ’cur Ghanem ’na cuimhne, gidheadh bha iomadh ni eile ri fhaicinn ann a bha neo-choltach ris, agus mar sin cha b’ urrainn i smaointean gur e a bha fa comhair. Ach bha leithid de thoil aice fios fhaotainn co bh’ ann ’s gu ’n dubhairt i le guth fann, “A Ghanem an tu tha mi ’faicinn?” An uair a thuirt i so, stad i gus cothrom a thoirt dha air freagairt a thoirt dhi; ach an uair a chunnaic i nach do chuir e suim anns na briathran a labhair i, thuirt i, “Ochan! a Ghanem, cha ’n ann ruit a tha mi ’bruidhinn! Tha d ’iomhaidh an deigh greim cho mor a dheanamh air m’ inntinn ’s gu ’n do ghabh mi an coigreach so ’na d’ riochd. Dh’ aithnicheadh mac Abou Aidhoub, ciod sam bith cho tinn ’s a bhiodh e, guth Fetnah.” An uair a chuala Ganem (oir b’ e a bh’ ann) ainm Fetnah, dh’ fhosgail e a shuilean, agus sheall e an taobh o ’n d’ thainig an guth a labhair ris. Agus an uair a dh’ aithnich e gu ’m b’ e Fetnah a bha fa chomhair, thuirt e, “Ah! a bhaintighearna, ciod a’ mhiorbhuil”—Cha b’ urrainn e an corr a radh. Le meud an aoibhneis a thainig cho ealamh g’ a ionnsuidh, dh’ fhannaich e anns a’ mhionaid. Rinn Fetnah agus am marsanta na b’ urrainn iad gus a thoirt as an laigse. Agus cho luath ’s a chunnaic iad gu ’n robh e ’dol na b’ fhearr, dh’ iarr am marsanta air Fetnah a dhol am mach as an t-seomar air eagal gu ’n tugadh sealladh dhi an tuilleadh trioblaid air. An uair a chaidh Ganem na b’ fhearr, sheall e mu ’n cuairt an t-seomair, agus o nach robh e ’faicinn Fetnah, ghlaodh e, ag radh, “Fhetnah mo ruin, ciod a thachair dhut? Am faca mi le mo shuilean thu, no an robh mi air mo mhealladh?” “Cha robh, mo thighearna,” ars’ am marsanta, “cha robh thu air do mhealladh idir. Is mise a dh’ iarr oirre a dhol am mach as an t-seomar. Ach chi thu i cho luath ’s a dh’ fhasas tu na ’s treise. Tha feum mor agad an drasta air fois is tamh fhaotainn, agus cha choir dhuinn dragh sam bith a chur ort. Tha cuisean a nis air an atharrachadh do d’ thaobh. Tha mi ’smaointean gur tu an Ganem mu ’n d’ ordaich an righ fios a chur air feadh a’ bhaile gu ’m bheil e ’toirt lan mhathanas dha. Na bi ag iarraidh an tuilleadh fiosrachaidh aig an am so. Innsidh a’ bhean uasal a bha labhairt o chionn tiotadh mu gach ni eile. Air an aobhar sin na biodh dad a’ cur curaim ort ach cia mar a gheibh thu do shlainte. Ni mise a h-uile ni ’nam chomas a chum do shlainte ’thoirt air ais dhut.” An uair a thuirt e so, dh’ fhag e Ganem gu fois a ghabhail, agus chaidh e dh’ ulluchadh gach cungaidh a shaoileadh e a bhiodh freagarrach dha an deigh na dh’ fhuiling e le uidil is falbhan is cion bidh. Fad na h-uine ud bha Fetnah anns an t-seomar comhladh ri Alcolomb, agus ri ’mathair, far an robh a’ cheart shealladh ri fhaicinn ’s a bh’ anns an t-seomar anns an robh Ganem; oir an uair a thuig a mhathair gu ’m b’ e Ganem a mac, an coigreach tinn a thug am marsanta do ’n taigh, bha i air a lionadh cho mor le aoibhneas ’s gu ’n do thuit i ann an neul. Agus an uair a thainig i as an neul le cuideachadh Fetnah agus bean a’ mharsanta, bha i ’cur roimpe eirigh as an leabaidh gus a dhol far an robh e. Ach an uair a thainig am marsanta steach do ’n t-seomar, chuir e bacadh oirre. Thuirt e rithe gu ’n robh Ganem cho lag, agus air a dhol as cho mor ’s gu ’n cuireadh na faireachdainean a dh’ eireadh ’na cridhe, an uair a chitheadh e ’mhathair agus a phiuthar, a bheatha ann an cunnart. Cha ruigeadh am marsanta leas an tuilleadh a radh ri mathair Ghanem. Cho luath ’s a chual’ i gu ’n cuireadh i beatha ’mic ann an cunnart le dhol a bhruidhinn ris, sguir i a dh’ iarraidh a dhol ann. An sin thuirt Fetnah, “Thugamaid taing do Dhia air son gu ’n d’ thug e comhladh sinn a dh’ aon aite. Theid mi air ais do ’n luchairt, agus innsidh mi do ’n righ a h-uile dad mar a thachair; agus thig mi air ais am maireach far am bheil sibh.” An uair a thuirt i so, dh’ fhag i beannachd aig Alcolomb ’s aig a mathair, agus dh’ fhalbh i. Cho luath ’s a rainig i an luchairt, chuir i Mesrour far an robh an righ a dh’ iarraidh air cead a thoirt dhi beagan comhraidh a dheanamh ris far nach biodh neach ach iad fhein. Dheonaich an righ an t-iarrtus so a thoirt dhi. Agus an uair a thugadh do sheomar an righ i, leig i i-fhein ’na sineadh aig a chasan, agus a lamhan air an lar a reir mar a bha cleachdte. Dh’ aithn e dhi eirigh, agus suidhe. An sin dh’ fheoraich e dhi an cual’ i guth air Ganem. “A Cheannaird nam fior Chreidmheach,” ars’ ise, “shoirbhich an gnothach leam cho math ’s gu ’n d’ fhuair mi araon e fhein, agus mar an ceudna, a mhathair agus a phiuthar.” Bha toil aig an righ fios fhaotainn cia mar a b’ urrainn i am faotainn ann an uine cho goirid. Dh’ innis i dha a h-uile car mar a thachair. Labhair i moran mu dheidhinn cho math ’s a bha mathair is piuthar Ghanem. An uair a chual’ an righ cho math ’s a mhol i iad, thuirt e gu ’m b’ e mhiann am faicinn ’nan triuir. Ged a bha Haroun Alraschid ’na dhuine a ghabhadh corruich mhor air son fior bheagan aobhair, agus a dheanamh gniomharan cruaidh-chridheach an uair a bhiodh e ann an teas na corruich; gidheadh an uair a thraoghadh ’fhearg, agus a chitheadh e gu ’n d’ rinn e gniomh olc, bha e ’n comhnuidh deas gus caoimhneas a nochdadh do ’n mhuinntir air an d’ rinn e olc. Air dha, air an aobhar sin, fios a bhith aige gu ’n d’ rinn e gu h-eucorach geur-leanmhuinn air Ganem agus air a theaghlach, agus gu ’n d’ ordaich e masladh a thoirt dhaibh gu follaiseach, chuir e roimhe gu ’n tugadh e urram dhaibh gu follaisseach mar an ceudna. “Tha aoibhneas ro mhor orm,” ars’ esan ri Fetnah, “gu ’n deachaidh agad air am faotainn, cha ’n ann air do shon-sa ’mhain, ach air mo shon fhin. Cumaidh mi ris a’ ghealladh a thug mi dhut. Posaidh tu Ganem, agus tha mi an so ag innseadh dhut nach ’eil thu na ’s fhaide na d’ bhanoglaich agamsa. Tha do shaorsa agad. Theirig air ais far am bheil am marsanta og, agus cho luath ’s a theid e am feabhas, bheir thu e fhein ’s a mhathair ’s a phiuthar an so far am bheil mise.” Air an ath mhadainn chaidh Fetnah do ’n taigh aig marsanta nan seud, o ’n a bha toil aice fios fhaotainn cia mar a bha Ganem, agus gus an naigheachd mhath a bha aice innseadh dhaibh. B’e am marsanta a’ cheud neach a thachair rithe, agus dh’ innis e dhi gu ’n d’ fhuair Ganem fois mhath air an oidhche roimhe sid, agus gu ’m b’ e bron is lionn-dubh aobhar a thrioblaid. Agus o’n a thugadh air falbh aobhar a bhroin, gu’m biodh e ann an deagh shlainte ann an uine ghoirid. Mar sin thoisich Ganem ri fas laidir, slan. Eadar an fhois a fhuair e, na cungaidhean a ghabh e, agus, os cionn gach ni, an fhois a fhuair inntinn, dh’ fhas e cho math ann an uine ghoirid ’s gu ’n robh am marsanta a’ smaointean gu ’m faodaidh e ’mhathair, agus a phiuthar, agus Fetnah fhaicinn gun chron sam bith a dheanamh dha; nam biodh e fhein deonach am faicinn. Ach bha aobhar eagail gu ’n cuireadh sealladh dhe ’mhathair ’s dhe phiuthair tuilleadh ’s a’ choir de dh’ aoibhneas air, o nach robh fhios aige gu’n robh iad ann am Bagdad. Agus anns an t-suidheachadh ’s an robh e, cha fhreagradh so air. Air an aobhar sin shuidich iad gu ’n rachadh Fetnah an toiseach a steach far an robh e do ’n t-seomar; agus gu ’n rachadh a mhathair agus a phiuthar a steach an uair a shaoileadh iad gu ’m biodh an t-am freagarrach ann. Ri leantuinn. Is iad na deòir a shilear ann an uaigneas na deoir a’s goirte a shilear aig àm sam bith. [TD 332] [Vol. 9. No. 43. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, APRIL 26, 1901. THA cogadh Africa mu Dheas an deigh anabarr airgeid a chosg do Bhreatunn cheana, agus cha ’n eil e ullamh fhathast. Tha a’ chosguis gu ruige so an deigh a dhol os ceann cosguis a chogaidh a bha eadar Breatunn us Ruisia anns a Chrimea, agus thug e aona bliadhn’ deug de Bhreatunn faotainn na h-àite féin an deigh a’ chogaidh sin. B’ fheudar do ’n Riaghladh Bhreatunnach air an t-seachdain s’a chaidh $56,000,000 de chisean ùra a leagail air an dùthaich, ged a bha uallach trom gu leòr oirre roimhe. Chaidh iad $266,035,000 anns na fiachan air a bhliadhna dh’ fhalbh. Leis na cisean ùra bidh teachd-a-steach na bliadhna so air a thogail gu $938,010,000. Tha cis air a leagail air siùcar agus air gual, goireas a bha roimhe so saor; tha sin an deigh corruich nan saor-mhalairteach a dhùsgadh, agus tha an sluagh mi-thoilichte. Tha moran am barail nach biodh e ro-shàbhailte do ’n riaghladh a dhol a shireadh ath-thaghadh aig an àm so, ged nach eil fhios am bheil an riaghladh gu mor ri ’n coireachadh, oir cha robh e ’nan comas a’ chosguis a chumail fodha o’n thòisich an cogadh. Ach a reir barail cuid tha an riaghladh Breatunnach ri choireachadh air son an cogadh aobharachadh, agus cha bhiodh e doirbh toirt air sluagh a tha fo uallaichean troma na cosguis sin a chreidsinn, co-dhiubh a tha e fior no nach eil. THA an ceannard Philippineach Aguinaldo, a nise ’na phriosanach ann an lamhan ’nan Geancach mu dheireadh thall. Ghlacadh e ann an dòigh nach ’eil a taitinn ro mhath ris an roinn a’s motha de mhuinntir nan Staidean. Bhrathadh e do lamhan nan Geancaich le Philippineach a dh’ innis dha gu robh an Coirneal Funston agus a dhaoine air an glacadh aige. Chreid Aguinaldo e, agus an uair a thainig e a dh’ fhaicinn nam priosanaich a ghlac am Philippineach ’s e bh’ ann gu ’n do ghlacadh e-fhein—ni nach ’eil aon chuid creideasach do arm nan Staidean no a nochdadh deagh shaighdearachd. Cha chuala ’s cha ’n fhaca sinn a leithid so air aithris mu na seanalairean Breatunnach ann an Africa mu Dheas, agus tha sinn an dochas nach cluinn. Ma dh’ fhaodte gur fhearr do na Philippineaich gu bheil e air a ghlacadh; agus ma tha an sgeul fior gu robh e ’na Cheann-suidhe air an riaghladh, agus na cheannard air an arm, bidh e gu math doirbh dhaibh duine fhaighinn ’na àite. Tha an cogadh eadar na Geancaich agus na Philippineich a dol air aghart moran na ’s fhaide na tha an stri eadar Breatunn agus na Boerich, agus cha ’n ’eil Luzon—an t-aon a’s motha dhe na h-Eileanan Philippineach—air a chisneachadh fhathast. Cha robh a leth uiread de innealan-cogaidh aig Aguinaldo ’sa bh’ aig na Boerich; ach b’ aithne dhaibh an dùthaich gu math agus bha fhios aca gu ’n cuidicheadh am fiabhrus leotha an aghaidh nan Geancach. Gun teagamh ’s e cogadh fadalach a th’ ann, a tha a cosnadh a bheatha do dh’ iomadach saighdear treun air an da thaobh. THA dòchas aig riaghladh Newfoundland gu ’m bi réit air a deanamh eadar eadar Breatunn agus an Fhraing a thaobh nan còirichean a tha iasgairean na Frainge ag agairt air cladach a deas Newfoundland. Nuair a bha Newfoundland air a thoirt suas do Bhreatunn, bha còir air a thoirt do iasgairean Frangach an cuid éisg a thiormachadh ’sa ghlanadh air cladach a deas an eilein; riamh uaithe sin bha na Frangaich ag agairt nan còirichean sin agus a’ cur tuilleadh ’nan ceann o àm gu àm, gus am bheil iad a nise ’gabhail seilbh air a’ chladach gu h-iomlan ’sa bacadh do iasgairean Newfoundland obair sam bith a dheanamh far an robh iadsan. Bha so o chionn iomadh bliadhna a’ cur doirrain agus call air muinntir Newfoundland, ach air eagal aimhreit a dhùsgadh eadar Breatunn ’s an Fhraing, bha iad a giulain leis. Toiseach na bliadhna so, co-dhiu, thug riaghladh Newfoundland rabhadh do Bhreatunn nach aontaicheadh iad feitheamh na ’s fhaide, agus uaithe sin bha am Priomhair Bond thall an Sasunn a cur a’ chomhairle ri Chamberlain. Tha e air innse gu ’n d’ thainig iad gu aontachadh mu ’n chùis, agus gu ’m bi Newfoundland an ùine ghoirid air a cur an làn sheilbh air a cladaichean féin gun a bhi aice ri airgead no fearann a thoirt suas do ’n Fhraing. Bidh so na ni math do Newfoundland, agus ma ni Breatunn, am feadh ’sa bhios i deanamh chumhachan ris an Fhraing, eileanan St. Pierre a cheannach uaipe, bidh e ’na ni math do Chanada cuideachd. Cha ’n eil ann an St. Pierre ach nead smuglairean, agus mar is luaithe theid a chreachadh ’s ann is fhearr do ’n dùthaich so. Ghoirticheadh fear Niall Mac-an-t-Saoir, a mhuinntir Catalone, ann an Libherpul, an Sasunn, o chionn ghoirid le carbad a ruith thairis air. Cha robh e beò ach beagan uairean. Dh’ fhag e bean ann a Halifacs. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Am Policy a tha cordadh gu math ris gach seorsa dhaoine tha ’n Canada—am policy a tha air a sgriobhadh leis a Confederation Life Association. Is e so am Policy anns am bheil tearuinteachd. Cha ’n eil cumhachan teagmhach sam bith ann. Cha ’n eil ann ach gealltanas pàigheadh. Sgriobh gu ar luchd-gnothuich air son tuilleadh fiosrachaidh. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 333] [Vol. 9. No. 43. p. 5] Naigheachdan. Cha ’n eil a mise Eadailteach idir ’na mhaor ann an Sidni. Chaidh fear a chur á dreuchd air son a bhi air an daoraich, mar a dh’ innis sinn air an t-seachdain s’a chaidh, agus leig am fear eile dheth an dreuchd dhe thoil féin. Tha Class Biobuill Gàilig air a chumail aig ceithir uairean na h-uile Sàbaid ann an eaglais an Urr. Dr. Burrell (29th St. & 5th Ave.) am baile mor New York. Tha Aonghas Mac-Leoid, Gàidheal a mhuinntir na seann dùthcha, ’na fhear-teagaisg aig a’ chlass aig an àm so. Tha àireamh mhor de Ghàidheil Chanada, agus cuid dhiubh á Ceap Breatunn, a’ frithealadh a’ chlass gu riaghailteach. Tha tuiltean mora anns na Staidean o chionn seachdain. Tha na tuiltean air sgur ann am Maine, ach ann am Massachusetts, am Pennsylvania, an Ohio ’s ann an Staidean eile tha tuiltean a deanamh call mor. Ann am Pennsylvania, thatar a’ meas gu robh fiach da no tri millean dolair air a chur a dhith leis an tuil, agus tha mu leth-cheud mile de luchd-obrach air an cumail ’nan tàmh. Bha baile Cincinnati, Ohio, fo ’n tuil fad dha no tri lathaichean air an t-seachdain so, agus am fios mu dheireadh a thainig bha an t-uisge a sior éiridh. Tha cuideachd air a cur air bonn air son rathad electric a thogail ann an Sidni ’s an Glace Bay agus eadar an da bhaile. Ann an Sidni bidh an rathad a’ tòiseachadh aig laimhrig an aiseig air sraid Dorchester, a gabhail suas sraid Shearlot gu Whitney Avenue, troimh sin a dh’ ionnsuidh a’ Phier, agus á sin gu Glace Bay. Bidh coig mile dhe ’n rathad an taobh a stigh de chriochan Shidni, sia mile an Glace Bay, agus bidh aona mile deug a bharrachd air sin anns an t-siorrachd. Cosgaidh so sia ceud mile dolair. Tha an obair ri bhi air a cur air adhart gun dàil. Bha na searmoin ann an àireamh dhe na h-eaglaisean feasgar na Sàbaid s’a chaidh, a’ buntainn ri stuaime, agus dleasdanas an t-sluaigh a thaobh na Scott Act. Bha iad uile air son an lagh sin a chumail, ag agairt gu ’m b’ e a b’ fhearr na an lagh a bhatar ag iarraidh, agus nach robh ni cearr air ach nach robhas ’ga chumail air obair. Bha coinneamh stuaime ann an Eaglais St. Andrew oidhche Di-ciaduin, aig an do labhair an t-Urr. Mr. Grannd, á Trenton N. S., agus ministearan a’ bhaile. Bha an eaglais lan, agus bha ’n sluagh gu h-aon-ghuthach air taobh na Scott Act. Chaidh fear Alasdair Howie a mharbhadh ann am mèinn Chaledonia maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e air a mharbhadh le càr a dh’ fhuasgail o’n ròp a bha ’gan toirt as a mhèinn. Ruith an carbad sin air ais, ’ga bhualadh-san gu h-iseal ’s ga mharbhadh air ball. Bha fear eile, Iain S. Domhnullach, comhla ri Howie agus chaidh a chas a bhristeadh, ach fhuair e as gun dochann sam bith eile bhi air a dheanamh air. Cha robh Howie ach bliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Bu mhac e do Phadruig Howie, an Glace Bay Mhor. Tha an jury ag radh gu ’m b ’e dh’ aobharaich an sgiorradh nach robh am fear a bha ceaagal nan caraichean cho ionnsaichte ’s bu chòir dha a bhith. Chaidh an soitheach-smùide “Greenland,” a bha tuath a marbhadh nan ròn, a long-bhristeadh aig eilean Bhryon. Chaidh an sgioba iasgaich—suas ri da cheud uile gu leir—a shàbhaladh le soitheach eile. Bha coig mile ròn air bòrd aice, agus thugadh iad gu tir leis an t-soitheach eile cuideachd. Bha teachdaire bho chuideachd thogail nan soithichean air beulaobh Comhairle ’Bhaile ’s Bord na Malairt oidhche Di-luain. Dh’ aontaich iadsan a bha aig a’ choinneamh gu ’m biodh e iomchuidh do ’n bhaile ceud mile dolair a thoirt mar shaor dhuais do ’n chuideachd na ’n suidhicheadh iad na h-obraichean ann an Sidni. Tha Donnachadh R. Cuimein air fhasdadh aig cuideachd a’ ghuail air son cur as do chreic stuth làidir timchioll nam mèinnean. Tha an t-òl a’ cur call mor air a chuideachd le moran de na mèinneadairean a bhi ’gabhail na daoraich gach latha pàighidh ’s a cur maille air an obair. Cha ’n eil iad air son sin a bhi mar sin na ’s fhaide, agus o nach gabh luchd-riaghlaidh na siorrachd os laimh an lagh a chur air obair tha iad-féin a’ dol ’ga dheanamh. Tha Righ Iomhar ri bhi air a chrùnadh anns an Og-mhios, 1902. Bidh greadhnachas mor air a chleachdadh an co-cheangal ris an t-seirbheis. Tha Abaid Iarmhinistir ri bhi air a h-ùrachadh ’s air a cur ann an uidheam neo-chumanta briagha fa chomhair an latha mhoir. Bidh i air a dùnadh fad cheithir miosan toiseach na bliadhna s’a tighinn. ’S e ’s dòcha gu ’n toir crùnadh Iomhair bàrr air gach crùnadh a rinneadh riamh roimhe ann am Breatunn. THA na rioghachdan mora tha gabhail làimh ann an ceartachadh chùisean ann an Sina ag agairt ceud millean punnd Sasunnach air an dùthaich sin air son gach call us cosguis a chuireadh orra air sàileabh ceannairc nam “Bocsairean.” Tha an Fhraing leatha féin ag agairt ochd millean punnd. Tha na Staidean, Breatunn, agus Iapan ag iarraidh air na rioghachdan deanamh le leth-cheud millein punnnd uile gu leir, ach ’se ’s dòcha nach bi an Fhraing agus a’ Ghearmailt toileach sin a dheanamh. Bidh Sina air a creachadh ma thig oirre an t-suim mhor airgeid so a phàigheadh. Tha maoir a’ bhaile a’ tarruinn aire dhaoine gu mor aig an àm so. Tha e soilleir nach eil moran dhiubhsan a tha ’nam maoir cho freagarrach air an dreuchd ’s bu mhath le muinntir am faicinn. Agus cha ’n eil teagamh nach e ’s coireach ri sin gu ’m beilear a taghadh nadan oine cha’n ann air son am mathais ach air son an saoiread. Tha luchd-riaghlaidh a’ bhaile gun teagamh ag iarraidh nan daoine ’s fhearr a ghabhas faotainn, ach cha ’n eil moran de ’n t-seòrsa sin deònach gabhail aca air an tuarasdal a thatar a’ cur nan tairgse, tuarasdal na ’s isle na thatar a’ thoirt do na daoine tha cladhach air na sràidean. Tha sinn dhe’n bharail nach eil e ’na bhuanachd sam bith do ’n bhaile bhi deanamh caomhnadh dhe’n t-seòrsa so. Air son an t-sith a ghleidheadh agus riaghailt a chumail air sluagh tha daoine earbsach, comasach feumail, agus cha bhi daoine dhe ’n t-seòrsa sin toileach a bhi nam maoir air tuarasdail bheaga ach fhad ’sa bhios iad gun obair eile aca ri dheanamh. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 334] [Vol. 9. No. 43. p. 6] Litir a New Zealand. AN DEARC-LUACHRACH. CHA ’N ’eil beothach anns an dùthaich so cho puinnseanta ris a Ku-pe-to, mu ’n a sgriobh mi anns an litir mu dheireadh. Tha ’n dearc-luachrach pailt. An seorsa ’s cumanta dhiubh (’se Mo-ko-mo-ko an t-ainm a th’ aig na Maories air) fear beag coltach ris an fhear a tha ann an Ceap Breatunn, a tha beò anns an uisge agus anns na lochan. Cha ’n ’eil an seorsa tha ’n so dol do ’n uisge idir. ’Nuair a thig teas an t-samhraidh tha iad a tighinn a mach as na tuill. Tha iad gle neo-lochdach. Tha so a toirt na ’m chuimhne uair a chuir mi seachad oidhche comhladh ri Caiptean Domhull Mac Coinnich (Beag) anns an t-soitheach Quickstep, a bha e seòladh. Bha e ann an Cobh Iain Sheorais. ’S e trosg saillte bha againn airson ar suipeir. An deigh dhuinn a dhol do ’n leabaidh bhual am pathadh sinn. ’S e Torcuill mac Dhomhuill mhic Neill Mhor, gille òg sgiobalta a bha na chocaire, a chaidh air tir air son coire uisge. Cha do dh’ fhuirich mi ri cupan, ach chuir mi suas an coire ri mo bheul a bha gu grad air a lionadh le ni bog. Dh’ fhairich mi an ni so a gluasad na m’ bheul. Gu grad thilg mi mach e mar smugaid air an àite suidhe a bha làmh rium. Dé bha ann ach dearc-luachrach! Ghabh mi beachd gu robh lìrean, a bha leantuinn ris a bhiast, na ’m bheul. Chuir mi meall de dh’ ìm saillte na ’m bheul. Thug so air falbh an lìrean mar a bha mi an dùil. Bha blas ni bu mhiosa na ’m bheul an la-iar-na-mhàireach. Smaoinich mi le òl deoch-làidir gu ’n deanadh e feum; ’s minic a bha mi ga òl gun aobhar cho math. ’S ann a thog mi orm gu àite Alasdair a Mhuillear, mu mhìle air falbh, air son mo leor de ’n uisge-bheatha, agus treis dhe ’n ùine chuir seachad comhladh ri Ruairidh. Is iomadh uair thaitneach a chuir mi seachad comhladh ris an teaghlach. Arsa Fionnladh Greusaiche—“Bheir mise comhairle dhut, Iain: Na leig ni seachad air do chàirean gu ’n d’ fhiacail a chuir air!” Uh! cuiridh e sgreat orm ’nuair a chuimhnicheas mi air. KA-KA-RI-KA. Tha ’n dearc-luachrach so beagan na ’s mo na ’m fear mu dheireadh a dh’ ainmich mi. Tha e air fhaotainn anns na craobhan. Tha e neo-chumanta briagha, le stiallan de dhath uaine air eadh. Tha e cho neo-lochdadh ris an fhear eile. Cha chan am Maori sin; cha ’n ’eil ni sam bith a chuireas uiread de dh’ eagal air. Theid e á cochull a chridhe ’nuair a theid am beothach so a shealltuinn dà. Tha e ’creidsinn gu ’m bheil an deamhain ann. Tha e mar sgeulachd aca, ’nuair a theid am Maori a chogadh tha e ’g ithe ’n Ka-ka-ri-ka; tha so a cuir deamhain a chogaidh ann. Tha an t-eagal sin annta gus an latha ’n diugh. TAN-TA-RA. Tha ’m beothach so mu ochd-oirlich-dheug air fad. Cha ’n ’eil e pailt. Tha e ri fhaotainn an cuid de na h-eileannan fagus oirnn. Tha an luchd-riaghlaidh a gabhail curam de na beothaichean so. Cha ’n fhaod thu h-aon dhiubh mharbhadh. Tha e na chionta mor sin a dheanamh. Cha ’n ’eil cron sam bith annta. Ma theid thu faisg air, cuiridh e braoisg air. ’S e sin a’s miosa na choltas. Tha e deanamh toll domhain anns an talamh, far am bheil e gabhail comhnuidh. Tha eun beag (seorsa de fhaoileag) a deanamh nead ann am beul an tuill so airson a ghlacadh gu biadhadh a h-eoin òga. Tha daoine ionnsaichte cantuinn gur ann airson an aobhar sin a tha ’n t-eun a deanamh sin. Tha i faighinn an toll deiseal agus freagarrach air son a gnothuich. Cha ’n urrainn neach sam bith cuir na h-aghaidh. Cha ’n ’eil ’n corr ri chantuinn mu ’n dearc-luachrach. WAI-TA. Sin cuileag mhor, làidir a tha tolladh anns na craobhan a’s cruaidhe fiodh. Tha e tàmh anns an toll. Tha cuid dhiu mu thri oirlich a dh’ fhad. Le cluas a chuir ris a chraoibh ’san oidhche cluinnear am fuaim a tha e deanamh a tolladh gun sguir. Tha am beul aige mar spog giomach. Ni e droch gearradh. Tha e gabhail greim air tarsuinn agus a fagail lot mor, farsuinn. Ma chì thu e air an talamh tha e cho treun ’s gun cum e aghaidh ort gus am faigh e air falbh gu àite fasgach. Tha ’n t-earball aige fada agus gle bhiorach; adhaircean fada air na sgiathan aige mar shligean cruaidh. Cha bhuin cearc dha ’n chlosach aige. Bha mi latha fluich a cuir orm m’ éideadh. Nuair a chuir mi an sou’-wester orm dh’ fhairich mi mar gu ’m biodh bior geur a dol na ’m cheann. Dé bha ann ach a Wai-ta, a ghabh fasgadh anns an aid. A thogail le srearg ceangailte ris togaidh e e-féin suas agus gearraidh e an sreang air son a bhi air falbh. Cha ’n ’eil e cronal ach fuireach bhuaithe. Cha ’n ’eil e taghal ’s na taighean comhnuidh. Tha e air a thoirt do ’n taigh measg a chonnaidh. PA-KA-KA. ’S gann gur fhiach e ’n t-saothair ainmeachadh. ’S e sin bogus mhor mu mheud bonn tastan agus mu ’n aon tiughad. Ma theid a ghluasad tha e cuir samh dhith tha buileach fein anabarrach. So an doigh dion a th’ aige. Tha e gu tric a gabhail fasgadh fo ’n chlar-tubhaidh air na taighean, agus an sgaran anns an fhiodh. Tha am beothach a tighinn an àm an teas, agus air uairean a tuiteam air an urlar agus gu tric air bord a bhidh, ’nuair a theid a thogail leis a chlobha ’s a chuir anns an teine. Tha ’n samh aige coltach ris a bhràthair eile aige AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON. Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boid each a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 335] [Vol. 9. No. 43. p. 7] anns na leapaichean. Cha ’n ’eil am fear so tric a deanamh a dhachaidh anns na leapaichean; tha e fuireach air falbh. ’S e Pa-ka-ka an t-ainm Maori aige; tha sinne ’toirt ainm eile air—New Zealand bug. Air uairean theid fear dhiubh a stigh ann an sgeap sheilleinean ’nuair a tha e deanamh cron. MAGAN. Tha esan an so, a thuilleadh air an fheadhainn a chaidh thoirt do ’n dùthaich mar annas. Tha e air fhaotainn domhain anns an talamh, agus e beò. Thachair fear fhaotainn a bhliadhna thainig mise do ’n dùthaich, ann an àite do’ n b’ ainm Cormandale, fagus air baile-mor Auckland, far ’n robh dachaidh an òir. Bho ’n uair sin chaidh àireamh de mhàgain fhaotainn fagus air a sin, far an robh iad a deanamh rathad mor eadar sgire Waipu agus sgire tha coig mìle de dh’ astar air falbh, troimh àite garbh le coille mhor agus cas. Bha na beothaichean so àireamh throighean fo ’n talamh. Nuair a fhuaireadh iad bha iad beo, ach cha robh iad mar sin fada. Lean feadhainn diubh beo mu aon latha; cha do chòrd solus an latha riutha. Tha e gle iongantach mar tha màgain air fhaotainn domhain anns an talamh. Feumaidh e bhi an sealbh an talamh ’s docha mìltean de bhliadhnaichean mu ’n do chuir crith-thalmhainn ceana-fodh’ air. IAIN ROTHACH. Rudha Mhàirtean, 18mh là de’n Ghearran, 1901. Saothair Chinnteach. Tha aon ni a tha ro chomharraichte mu chuid de na Sean-fhocail Ghaidhealach, agus ’s e sin a’ meas tha air a chur air saothair chinnteach, sheasmhach, os coinn neart an uair nach ’eil dichioll maille ris. Chunnaic sinn roimhe an luach a bha ar n-Aithrichean a’ cur air cruinnealas, ged bha iad comharraichte air son am fialaidheachd. Air a cheart dòigh ’n an obair. Tha firinn ’us onoir eadar duine ’s duine air a mholadh. Tha mocheirigh air a mholadh. Tha bhi ’n a àm, an ceann do ghnothuich air a mholadh—“Am fear a ni obair ’n a àm, bithidh e ’n a leth thamh.” Tha ’m fear a thoisicheas obair air a neartachadh leis an radh—“Is trian obair toiseachadh.” Agus tha saothair chriochnaichte gun teagamh a faotainn na duais a thoill i; “Am fear a cheanglas, ’s e shiubhlas,” “Am fear is fearr a chuireas, ’s e is fearr a ghearras;” “An rud a nithear gu maith chithear a bhuil.” Ach os cionn moch-eirigh, os cionn tòiseachadh, ’s os cionn criochnachadh, tha obair chinnteach, leanailteach air a moladh, mar a dhearbhas na Sean-fhocail a leanas gu soilleir: “Cha ’n e ’mhuileann nach bleth, ach an t-uisge nach ruith;” “Ge b’e nach beathaich a choin, cha bhi iad aige latha na seilge;” “Is ann o ’n bheagan a thig am moran;” “Cha ’n ann leis a’ cheud bhuille thuiteas a’ chraobh;” “Gabhaidh connadh ùr le bhi ’g a sheideadh;” “Am fear a theid a’ ghnath mach le lìn, gheibh e eoin air uairean;” “Cha bhi dichioll air deireadh;” “Beiridh am beag tric air a mhor ainmig;” “Is fearr greim caillich na tarruing laoich.” Is teagasg fallain, ionmholta air gach doigh an teagasg so; agus cha’n urrainn dhuinn a bhi ro thaingeil d’ ar ’n Aithrichean air a shon. B’ fhearr leam gu’m faicteadh na tri Sean-Fhocail mu dheireadh a dh’ inmich mi, ann an litrichean òir, air balla gach tigh-sgoil anns an dùthaich. Cha ’n ’eil mi gun amhurus nach paigheadh an leasan na ’m biodh e air a dheagh ionnsachadh, eadhon do’n Mhaigstir-sgoil latha cheasnachaidh, cho maith ri leughadh blasda nach tuig a’ chlann; agus tha mi dearbhta nach faigh a’ chlann leasan a bhios cho feumail dhaibh fein, da ’n cloinn ’s do chlann an cloinne bho Mhaighstir-sgoil fo ’n ghrein. AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. INNSRIDH TAIGHE ’S BRAT-URLAIR. THA SINN A’ CREIC Paipearan Balla Geancach Dhe gach searsa. Cuiridh sinn Taighean nan lan Uidheam FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH. GORDON & KEITH, SRAID SHEARLOT. A. T. GRANND, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 336] [Vol. 9. No. 43. p. 8] Cumha Do Ghilleasbuig Caimbeul, Iarla Earra-Ghaidheal, a chaidh a dhith-cheannadh an Duneideann ’sa bhliadhna 1685. LEIS AN AOS-DANA, MAC-ITHICH. Tha sgeul agam, ’s cha chùis ghàire, Dhuibh ri ’innseadh; Gu ’n d’ chuireadh ceann-taic nan Gàidheal An staid iosal. Co ’chumas còir ris an anfhann, ’S e na ’chruadhaig? No ’chumas casg air gach anaghnath ’Tha teachd nuadh oirnn? Co ’chumas còir ris an eaglais? Dh’ fhàs i dorcha; No ’chumas a suas luchd-teagaisg Ris na borbaibh? Co ’chumas an creideamh catharr’ Suas gu treòrach? ’S nach d’ fhuair Gilleasbuig cead éisdeachd. An taic còrach. Co ’chumas taigheadas greadhnach Gu buan, faoilidh? ’S nach taghail an t-Iarla Dùibhneach ’S an Dun-Aorach. Roghainn nan Albannach uile, De ’n àrd fhine! ’Dhaoine, nam biodh spéis de dhuine, ’S beud a mhilleadh. Iarla duaismhor Earraghaidheal, Garg an leoghann! Bu mhor an cridhe ’dh’ fhearaibh Alba ’Fhuil a dhòrtadh. ’Dhaoine, ged a fhuair sibh àite Os cionn rioghachd, ’S olc a chuir sibh gliocas Alba Gu sùrd millteach. Ged a strac sibh còir gun cheartas ’N taic bhur mioruin, Theagamh gu ’n dig la nach fhasa Dhuibh d’ a dhioladh. Mo thruaighe ’n nochd do luchd-leanmhuinn. ’S faoin an seasamh! Tha gach duine ’gabhail géill dhiu, Dh’ eug Gilleasbuig. Dh’ fhalbh an tuigse, dh’ fhalbh an aithne, Dh’ fhalbh an ceannsal, Dh’ fhalbh an crann dligheach, treun talmhaidh. Dh’ fhalbh an ceann math. Beannachd le t’ anam am Pàras, ’S fiach do chuimhne: Gu ’n togadh Dia suas bhur n-àlach, A dhream Dhùibhneach. Dream bheadarach, bhuadhach, bhàghach, Mheadhrach, mhùirneach, A labhradh gu foistinneach, fior ghlic, Brigh gach cùise. Sud a chlann a’s uaisle fine, Na trein urrant’; Reidh-bheartach an iul ’s an aithne, ’Chlann ud uile. Ge b’ e dh’ aithriseas an seanachas Le mion chuimhne, Co ’s mò tuigs’ air dhruim talmhainn Na Clann-Duibhne? Blàth a dh’ fhàs os cionn gach fine, Gniomh gun ghainne; Ceann céille, cléir’, agus sgoile An léibhidh uile. ’S iomadh leoghann, is triath duineil, Is ceann buidhne De ’n t-sliochd Iarlail a shliochd Dhiarmaid Mhic O’ Duibhne. Bho Dhiarmaid a thainig sibh uile, Sean am fine! Clann a b’ fhearr a b’ fhiach am moladh A chuala sinne. ’S iomadh cridhe bras ’tha brònach, Rosg tha deurach, Luehd-oifig ’s am bas ri bualadh, Tha ’n creach déante. ’S iomadh brugh soluis fo thùrsa, Air dreach meirgte; ’S mnai ghreannta gun ghean, gun ghàire, ’S cridh’ fo throma chràdh. Bhàsaich luchd-ciuil gu buileach, Co ’ni ’m farraid? Cha ’n fheil stàth dhuinn bhi ri foras, Chaidh ’n taom tharainn. ’S fuathasach a ghaoth so ’thainig, Ghluais i ’n fhiubhaidh, ’S ruaig i na h-eoin le stoirm ghàbhaidh Bho ’n choill dhùmhail. Ach tillidh na h-eoin ùiseil, àillidh, D’ an coill chaomhail.— Gu ’n togadh Dia ’suas bhur n-àireamh An staid naomha. Is cruaidh an càs seoid ’bu phailte ’Shearg’ gun chionta: Cha d’ fhuaradh àbhar n’ ur n-aghaidh Ach meud bhur tuigse. Thainig braghadh oirbh gun fhios duibh; Leam is duilich; Ma dh’ fhalbhas a’ chlann so buileach, ’S mairg a dh’ fhuirich. Cuiribh-s’ bhur dòchas ’san Ard-Righ, A chlann chéillidh; ’S e sud am Britheamh gun fhallsa, Nach dean eucoir. An Ti ’chruthaich sibh an toiseach An staid cheutaich, Tha E fhathast dhuibh cho gràsmhor ’S a bha ’cheud uair. ’S iomad marcaich luthmhor, làidir, ’Thuit gu h-iosal, ’S a dh’ eirich gu socair, sàbhailt Suas na ’dhiollaid. Mar stiuir Maois a mhor-shluagh lionmhor, ’S iad ’n an eiginn, A mhac-samhuil tàrladh dhuibhse Ri uair feuma. Ri uair feuma tha Dia neartmhor, Ceann gach cùise, A dheanamh d’ ur naimhdean treuna Cairdean ciùine. Leis an Lurgainn o Hi. Leis an Lurgainn o hì, Leis an Lurgainn o hò, Beul an anmoich o hì, ’S fheudar falbh le ’cuid seol. An cuan Eirinn o hi, Muir ag éirigh o ho, ’S cha bu léir dhuinn o hi, Ni fo ’n ghréin ach na neoil. Seachad Ile o hi, ’M beul na h-oidhche o ho, Las sinn coinnlean o hi, ’S chuir sinn combaist air doigh. Seachad Aros o hi, Bha i gàbhaidh o ho, ’N fhairge làidir o hi, Suas gu bàrr a’ chroinn-sgòid. Thuirt an sgiobair o hi, Ri chuid ghillean o ho, “Glacaibh misneach o hi, ’S cuiribh reef na ’cuid seol. Suas a h-aodach o hi, Ri ’croinn chaola o ho, ’Snàmh cho aotrom o hi, Ris an fhaoilinn air lon. Suas a top-sail o hi, Deanaibh deas i o ho; Bheil e coltach o hi Gu ’n tig dosgainn na coir?” Fhuair sinn fosgladh o hi, Mu ’n stem-thoisich o ho, Fear ga taomadh o hi ’S gillean coltach air bord. Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Laoidhean Dhughaill Buchanain .10 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 337] [Vol. 9. No. 44. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 3, 1901. No. 44. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Le Iain. CAIB. XXII. “THIG AN T-OLC GU FOLLAIS.” AIR an latha ’shuidhich iad, ràinig Uachdaran Aird-Shannta an taigh aig Uachdaran Langadail, agus bha làmhan sgaoilte roimhe. Ged a bha iad glé eòlach air a chéile an uair a bha iad ag ionnsachadh na foghlum, b’ ainneamh leotha, an deigh dhaibh tighinn gu aois fearachais, tachairt ri ’chéile. Cha robh Uachdaran Langadail a bheag am mach air fichead bliadhna an uair a chaidh e do ’n arm. Fad nam bliadhn’ air fhichead a bha e anns an arm, cha robh e ach uair glé ainneamh anns a’ Ghaidhealtachd; oir thachair gu ’n robh e gu math tric air cheann buidheann dhe ’n arm a bha ’n rioghachd a’ cumail ann an Canada, no anns na h-Innsibh an Ear. Agus an uair ainneamh a thigeadh e do’n Ghaidhealtachd, dh’ fheumadh e an ùine a chur seachad comhladh ri brathair ’athar. Bha brathair ’athar ’na Uachdaran cho math ’s a bha beò ri ’linn. Bha meas mòr aige air an tuath, agus bha uiread sin de mheas aig an tuath air. Ge b’ e uair a thachradh iad ris, labhradh e riutha gu caoimhneil, càirdeil ann an Gàilig cho milis ’s cho blasda ’s a b’ urrainn a h-aon dhiubh fhein a labhairt. Shuidheadh e aig taobh an rathaid mhòir comhladh riutha, agus bheireadh e greis air comhradh riutha, agus air éisdeachd na bha de sheann naigheachdan aca mu ghaisge agus mu euchdan nan seana Ghaidheal treuna a bha aon uair cho ainmeil air feadh na rioghachd. O nach robh e pòsda riamh, is ann aig Domhull, mac a bhrathar, a dh’ fhag e oighreachd Langadail. Is minic a theireadh e ri cuid dhe ’n tuath: “Tha Domhull, mac mo bhràthar, anns an arm. Tha mise cinnteach gu ’m bi e fhathast ’na Sheanalair, mur marbhar ro thràth ann am blàr e. Agus tha mi cinnteach gu ’m bi e ’na dheadh Uachdaran an uair a gheibh e an oighreachd. Ach cha ’n fhaigh e i gus an cuirear am ploc ormsa.” Thuig Domhull gu math nach robh doigh a b’ fhearr dha gus brathair ’athar a chumail air a thaobh na bhith ’na chuideachd an comhnuidh. Bha ’n oighreachd farsuinn; agus ged a bha am màl a bha ’n tuath a’ pàigheadh beag gu leòr, thigeadh e gu suim mhath aig ceann àireamh bhliadhnachan. An uair a dh’ eug brathair ’athar, dh’ fhàg e oighreachd Langadail aig Domhull, agus bha e an uair sin, mar a bha brathair ’athar ag radh, ’na Sheanalair, agus glé ainmeil anns an rioghachd mar shaighdear ro threun, tapaidh. B’ ann beagan ùine an déigh dha tighinn a dh’ ionnsuidh na h-oighreachd, a chaidh Uachdaran Aird-Shannta thun an taighe aige, mar a dh’ ainmicheadh mar tha. An ceann latha no dhà, bha iad le chéile ’dol troimh ’n bhaile a b’ fhaisge dhaibh, agus thachair gu ’n do sgaoil an sgoil aig a’ cheart àm ’s an robh iad a’ dol seachad. Thainig am maighstir-sgoile ’mach, agus ghrad chuir Uachdaran Langadail fàilt’ air gu cridheil, caoimhneil, agus rug Uachdaran Aird-Shannta air laimh air mar an ceudna. Thug iad greis air comhradh mu thimchioll caochladh nithean. Thuirt Uachdaran Aird-Shannta: “Is toigh leam aghaidh an duine ud. Is gann a chreidinn gu ’n innseadh e breug, no gu ’n togadh e droch sgeul air neach sam bith. Feumaidh mi greis chomhraidh a bhith agam ris mu dheidhinn na bha thusa ’g innseadh dhomh. Bu leasg leam facal a radh ris mu ’n chuis, o nach fhaca mi riamh roimhe e le m’ fhiosrachadh.” “Leig thusa eadar mise agus sin. Cuiridh mi fios air gu tighinn a nall feasgar air choireiginn mu ’m falbh thu, agus gheibh thu cothrom air ceisdean a chur air mu na chunnaic ’s na chual’ e an uair a bha e air chuairt air an oighreachd agad. Tha e gu nàdarra car beag diùid; agus ged nach ’eil e ro dhiùid ’nam lathair-sa, o’n a tha mi nis gle eòlach air, bidh e diùid ’na d’ làthair-sa gus an cuir e beagan a bharrachd eòlais ort. Cha labhair duine sam bith cho saorsnail am measg choigreach ’s a labhras e am measg na muinntir air am bheil e eòlach. Am feadh ’s a bha mise anns an arm, thuig mi mòran mu thimchioll nàdar dhaoine. Tha cuid dhiubh a dh’ fheumas tu eatomachd cho faicleach agus cho cùramach ri leanabh a bhiodh tinn, ar neo cha ’n fhaigh thu facal as an cinn. Ach aon uair ’s gu ’m faigh thu steach gu math orra, leigidh cuid de dhaoine ris an inntinn dhut soilleir gu leòr.” “Tha mi ’gad thuigsinn glé mhath, a nis, agus ni mi rud sam bith a chomhairlicheas tu dhomh; oir, ged a tha mise an deigh earrann mhòr dhe mo bheatha a chaitheamh am measg na tuatha a th’ air an oighreachd agam, tha mi ag aideachadh nach do thuig mi ciod a’ ghné dhaoine a th’ annta fhathast.” “Tha cuid de dhaoine ann a tha dol troimh ’n t-saoghal mar gu ’m biodh iad dall. Cha ’n fhaic iad le sùilean a’ chuirp na nithean ro iongantach a tha mu ’n cuairt orra anns a’ chruthachadh; agus tha sùilean na h-inntinn aca a’ cheart cho dall ri sùilean a’ chuirp. Tha iad faisge air a bhith cho aineolach air nàdar dhaoine, an latha ’gheibh iad bàs, agus a bha iad an latha rugadh iad. Ciod e am math a th’ ann do dhuine dol troimh ’n t-saoghal mur toir e fa near na nithean a chi agus a chluinneas e mu ’n cuairt dha.” “Tha mi ’cur m’ aonta ris a h-uile facal a tha thu ’g ràdh. Agus tha mi ’na do chomain air son cho saor ’s a tha thu ag innseadh na fìrinn dhomh.” An ceann beagan làithean ’na dheigh sid, chuir Uachdaran Langadail litir gu Fearachar Mac Mhathain, am maighstir-sgoile, a dh’ iarraidh air tighinn feasgar an ath oidhch’ gus a dhìnnear a ghabhail comhladh ris. Cha do chuir so ioghnadh sam bith air Fearachar; oir bu tric leis an Uachdaran fios a chur air gu ’dhinnear. B’ aithne dha glé mhath mar bu chòir dha e-fhein a ghluasad aig bord duine uasail sam bith. Ged nach fhaca e ’na òige dinnear mhòr riamh, bha de thùr ’s de thuisge ann na thug air gu ’n d’ ionnsaich e cia mar bu chòir dha e-fhein a ghluasad ann an cuideachd dhaoine uaisle. Ma bheir daoine an aire mhath do na chi ’s na chluinneas iad, cha ’n eagal nach teid aca air ionnsachadh cia mar a bheir iad iad-fhein a cuideachd mheasail sam bith do ’n teid iad. Cha robh aig bord na dinnearach an oidhch’ ud ach an dithis Uachdaran, agus am maighstir-sgoile. Bha na h-Uachdarain cho measail air a mhaighstir sgoile ’s ged a bhiodh e ann an co-inbhe riutha fhein. An deigh do ’n dinnear a bhith seachad thoisich iad ri comhradh mu thimchioll gnothaichean na dùthchadh. Am measg gach comhradh eile a bh’ aca, thug iad iomradh air cor na tuatha air feadh na Gàidhealtachd. Thuirt Uachdaran Langadail, “Tha e air aithris gu cumanta air feadh na dùthchadh nach ’eil an oighreachd agadsa air a riaghladh cho math ’s bu chòir dhi ’bhith. Chuir e annas gu leòr ormsa an uair a chuala mi e; agus an uair a chuir mi ’cheisd ris a’ mhaighstir-sgoile mu dheidhinn a’ ghnothaich an déigh dha tighinn air ais o bhith ’g amharc air a chairdean, thuig mi o na dh’ innis a dhomh gu ’m feum gu ’m bheil bonn gu leòr aig an fhathunn a chuala mi. Tha e fhein an sin ’na do làthair, agus faodaidh e an tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhut.” An uair a chuala Fearachar na briathran so, thainig ’fhuil ’na aodann. Thuirt e ris fhein, “Cha teid mi facal air àicheadh. Is e mo dhleasdanas an fhìrinn innseadh cho fad ’s is aithne dhomh.” An uair a bha na smaointeanan so a’ dol air aghart ’na inntinn, bha e ’na thosd. Agus thuig na h-Uachdarain gu’n robh beagan faiteachais air. Thuirt Uachdaran Aird-Shannta ris: “Na biodh eagal sam bith ort d’ inntinn a leigeadh ris dhomhsa. Cha chuir aon fhacal a dh’ innseas tu dhomhsa dragh gu bràth ort. Tha mise ag aithneachadh air do ghnùis nach tog thu tuaileas no droch sgeul air neach sam bith. Fhad ’s a chumas daoine ris an fhìrinn, cha ’n eagal dhaibh. Ged a tha ’n fhirinn searbh, is i ’sheasas air a’ cheann mu dheireadh.” An uair a chual’ am maighstir-sgoile mar a labhair an t-Uachdaran ris, thuirt e: “Cha bu mhath leam a bhith ’nam mhàthair-aobhar air mi-chliù no masladh a thoirt air duine sam bith; ach aig a’ cheart àm cha bu mhath leam co-chuideachadh a thoirt air dhòigh sam bith do dhaoine a tha ’deanamh eucoir is ainneart air daoine bochda a tha gu dìchiollach agus gu h-onarach a’ feuchainn ri iad fhein a thoirt troimh ’n t-saoghal. An uair a chuala mi o urrachan glé chinnteach gu ’n robh na daoine ris am bheil sibhse ag earbsa riaghladh na h-oighreachd, a’ deanamh eucoir air cuid dhe ’n tuath, a chum iad fhein agus an dlùth chàirdean a chur ann an suidheachadh math, thuirt mi rium fhìn nach biodh e idir ceart dhomh fuireach ’nam thosd agus leigeadh leis an [TD 338] [Vol. 9. No. 44. p. 2] eucoir a dhol air a h-aghart. Tha Dia ’na fhacal ag iarraidh oirnn ar guth a thogail an aghaidh na h-eucorach, ge b’ e air bith àite anns am faic sinn i. Nam b’ ann air son math coitchionn an t-sluagh a bhiodh am maor ’s am bàillidh a’ deanamh nan atharrachaidhean a bha iad a’ deanamh o chionn àireamh bhliadhnachan, cha bu chòir do dhuine tùrail sam bith aon fhacal a ràdh ’nan aghaidh. Ach tha e soilleir gu leòr do na h-uile a bha ’gabhail beachd air an dol air aghart a bh’aca, nach b’ e math na tuatha gu léir a bh’ anns an amharc aca, ach math nan càirdean bu dlùithe a bh’ aca, agus math nan daoine a tha gu miodalach, brosgalach ag aontachadh leotha anns gach ni a thogras iad a dheanamh.” Chòrd an dòigh anns an do labhair am maighstir-sgoile glé mhath ris na h-Uachdarain, gu h-àraidh ri Uachdaran Aird-Shannta. Thuirt iad a beul a chéile gu ’n robh e ceart gu leòr dha a ghuth a thogail air taobh na tuatha. An sin dh’ innis e gu saor, soilleir dhaibh mu ’n ghearain a bha gu cumanta am measg na tuatha, mu ’n iarrtus a sgriobh e, mar a bha araon am maor ’s am baillidh cho diumbach dheth. Thuirt e gu’n robh e mar an ceudna air aithris gu cumanta, nach robh na h-aodaichean a chuireadh a dh’ionnsuidh nam bochd air an roinn cho ceart agus cho cothromach ’s bu chòir, agus gu ’n tugadh a’ chuid a b’ fhearr dhiubh do dhaoine nach robh aon chuid bochd no éiseil. Chuir so mòran a bharrachd dragh’ air inntinn an Uachdarain na chuir na chual’ e mu dheidhinn riaghladh na h-oighreachd. An uair a dh’fhalbh am maighstir-sgoile dhachaidh bha greis mhath chomhraidh eadar na h-Uachdarain mu dheidhinn na dh’ innis e dhaibh. Chuir Uachdaran Aird-Shannta roimhe gu ’n deanadh e mion-rannsachadh mu thimchioll na chual’ e, agus gu ’n cuireadh e am maor ’s am baillidh as an dreuchd an uair a gheibheadh e dearbhadh gu leòr gu robh iad ciontach dhe na bha air a chur as an leith. (Ri leantuinn). Sgeulachdan Arabianach. Ganem. CAIB. XII. AN uair a shuidhich e gur ann mar so a dheanteadh, dh’ innis am marsanta do Ghanem gu ’n robh Fetnah air tighinn do ’n t-seomar g’ a fhaicinn. Bha aoibhneas cho mor air ’s gur gann nach d’ fhannaich e rithist. “Seadh, a Ghanem,” ars’ ise, “fhuair thu rithist d’ Fhetnah fhein, ged a bha thu ’n duil gu ’n do chaill thu gu brath i.” “Ah, a bhaintighearna,” ars’ esan ’s e ’g a freagairt, “ciod a’ mhiorbhuil leis an d’ fhuair mi sealladh dhiot aon uair eile? Bha mi ’smaointean gu ’n robh thu ann an luchairt an righ. Thug e gun teagamh sam bith eisdeachd dhut. Chuir thu as a cheann a bhith ’g iadach riut, agus tha sibh cho reidh ’s a bha sibh riamh.” “Rinn mi sin, mo Ghanem ionmhuinn,” ars’ ise. “Dhearbh mi do Cheannard nan fior Chreidmheach nach urrainn e olc sam bith a chur as mo leith. Gus leasachadh a dheanamh air son an uilc a rinn e ortsa, tha e ’g am thoirt dhut mar do bhean.” Thug na briathran so a leithid de dh’ aoibhneas do Ghanem ’s nach robh fhios aige car uine ciod a theireadh e. Dh’ fhan e ’na thosd mar is tric le feadhainn a th’ ann an trom ghaol a dheanamh. Mu dheireadh labhair e mar so: “Fhetnah mhaiseach, am faod mi na thuirt thu rium a chreidsinn? Am faod mi ’chreidsinn gu ’n d’ thug an righ thu do mhac Abou Aidhoub?” “Cha ’n ’eil ni a’s cinntiche na gu ’n d’ thug,” arsa Fetnah. “Ged a rinn an righ rannsachadh air do shon gus do chur gu bas agus ged dh’ ordaich e mile masladh a thoirt do d’ mhathair ’s do d’ phiuthair, tha e nis ag iarraidh d’ fhaicinn a chum gu ’n toir e duais dhut air son na h urram a thug thu dha. Agus cha ’n ’eil teagamh nach nochd e iomadh fabhar dhuibh gu leir.” Dh’ fheoraich Ganem ciod a rinn an righ air a mhathair agus air a phiuthair. Dh’ innis Fetnah dha a h-uile car mar a thachair dhaibh. Agus ged a bha ’inntinn gu mor air a lionadh le aoibhneas a chionn gu ’n robh e gus Fetnah a phosadh, cha b’ urrainn e gun na deoir a shileadh gu frasach an uair a chual’ e mu gach cruaidh fhortan a thachair ri ’mhathair agus ri ’phiuthair. Ach an uair a dh’ innis Fetnah dha gu ’n robh a mhathair agus a phiuthar ann am Bagdad, agus eadhon anns an taigh anns an robh e fhein, bha leithid de thoil aige am faicinn ’s nach b’ urrainn Fetnah gun am fabhar a bha e ag iarraidh a thoirt dha; agus mar sin, ghairmeadh a steach iad do ’n t-seomar. Bha iad aig an dorus a’ feitheamh gus an cuirteadh fios orra. Ghrad chaidh iad a steach, agus ghlac iad Ganem ’nan gairdeanan, agus thug iad mile pog dha. Shil iad taobh air thaobh iomadh deur aig an am. Bha ’n aghaidhean ’nan ceathrar fliuch leotha. Bha am marsanta e-fhein, agus a bhean a’ sileadh deoir a’ cho-fhaireachadh maille riutha ’nan ceathrar. Cha b’ urrainn dhaibh gun a bhith ’smaoineachadh le mor-ioghnadh air obair dhiomhair an Fhreasdail a thug a dh’ ionnsuidh an taigh an ceathrar a bha air an sgaradh o cheile leis a’ chruaidh fhortan. An uair a sguir iad de shileadh nan deur, thoisich Ganem ri innseadh dhaibh mu gach trioblaid is eis troimh ’n deachaidh e o ’n latha dhealaich e ri Fetnah gus an d’ thugadh do thaigh a’ mharsanta e. An uair a chual’ iad mar a thachair dha, thoisich iad ri sileadh nan deur cho frasach ’s a bha iad riamh. Dh’ innis e dhaibh gu ’n do theich e do bhaile beag, far an do bhuail tinneas e; agus mar a ghabh duine caranta de mhuinntir a bhaile curam dheth, ach an uair a chunnaic e nach robh coltas gu ’n tigeadh e air aghart, gu ’n do ghabh fear aig an robh camhal os laimh a thoirt do Bhagdad. Dh’ innis Fetnah dhaibh mar an ceudna an staid bhochd anns an robh i fhein fhad ’s a bha i anns a’ phriosan dhorcha: mar a chual’ an righ i an uair a bha i ’bruidhinn rithe fhein anns a’ phriosan; mar a chuir e fios oirre; agus mar a dhearbh i dha gu ’n robh i neo-chiontach. An uair a dh’ innis iad gu leir gach tubaist a thachair riutha, thuirt Fetnah, “Thugamaid buidheachas do Dhia a thug comhladh sinn a rithist, agus na biomaid a’ smaointean air rud sam bith ach an sonas a th’ againn. Cho luath ’s a bhios Ganem ann an slainte mhath, feumaidh e fhein agus a mhathair ’s a phiuthar a dhol an lathair an righ; ach o nach ’eil iad ann an suidheachadh freagarrach gus a dhol ’na lathair, ni mise gach ullachadh feumail dhaibh. Ach stadaidh sibh far am bheil sibh an drasta.” An uair a thuirt i so ghrad dh’ fhalbh i do ’n luchairt. An uine gun bhith fada thill i air a h-ais agus sporran aice anns an robh mile bonn oir. Thug i an sporran do ’n mharsanta, agus dh’ iarr i air a dhol a cheannach aodaich do mhathair Ghanem, agus do Alcolomb. Bha barail mhath aig a’ mharsanta air ciod an seors’ aodaich a fhreagradh orra, agus cheannaich e aodach gle bhriagha, agus dh’ ordaich e a ghrad dheanamh deiseil. Ann an ceann tri latha bha ’n t-aodach deiseil; agus o ’n bha Ganem ’g a fhaireachadh fhein gu math laidir gus a dhol am mach, rinn iad deiseil gus a dhol do ’n luchairt air latha airidh. Ach air a’ cheart latha ’shuidhich iad gus a dhol a dh’ fhaicinn an righ, direach an uair a bha iad a’ deanamh deiseil gu falbh, thainig Giafar, an t-ard-chomhairleach, gu taigh a’ mharsanta. Bha e marcachd, agus bha aireamh mhor de dh’ oifigich maille ris. “Mo thighearna,” ars’ esan ri Ganem, cho luath ’s a chaidh e steach, “tha mi air tighinn o Cheannard nam fior Chreidmheach, mo mhaighstir fhin ’s do mhaighstir fhein. Tha ’n t-ordugh a fhuair mi an diugh gle neo-choltach ris an ordugh nach ’eil toil agam a chur ’nad chuimhne. Tha mi gu falbh ’nad chuideachd agus do thoirt an lathair an righ, o ’n a tha toil aige d’ fhaicinn.” Cha d’ thug Ganem de fhreagairt do ’n ard-chomhairleach ach gu ’n do chrom e cheann gu math iosal. An sin chaidh e air muin an eich a thugadh g’ a ionnsuidh a stabuill an righ, agus bu mhath a b’ aithne dha marcachd a dheanamh. Chuireadh a mhathair agus a phiuthar air muileidean a bhuineadh do ’n righ. Agus bha Fetnah air miuileid eile, agus bha fear de phrionnsachan na cuirte a’ falbh ’na ceann. Thug Giafar leis Ganem air rathad eile, agus thug e steach e do thalla na comhairle. Bha ’n righ anns an talla, agus e ’na shuidhe air an righ-chathair; agus bha e air a chuartachadh le ceannardan an airm, le comhairlich agus le maithean eile na cuirte, le Arabianaich, le Persianaich, le Eiphitich, le Africanaich, agus le Sirianaich, agus le moran eile. An uair a thug Giafar Ganem gu beulaobh na righ-chathrach, leig Ganem e fhein na shineadh air an urlar, agus ’aghaidh ris an lar, mar umhlachd do ’n righ. An sin dh’ eirich e ’na sheasamh, agus mhol e an righ ann an oran a rinn e ann an ionad nam bonn; agus chord na briathran a labhair e ris gach neach a bh’ anns a’ chuirt. ’Na dheigh sin dh’ iarr an righ air tarruinn dluth dha, agus thuirt e ris, “Is math leam d’ fhaicinn, agus is e mo mhiann gu ’n cluinn mi o do bheul fhein c’ait’ an d’ fhuair thu Fetnah, agus ciod an t-seirbhis a rinn thu dhi.” Thug Ganem dha am fiosrachadh a bha e ag iarraidh, agus dh’ aithnich an righ air an doigh anns an do labhair e gur i an fhirinn a bha e ’g innseadh. Thug e dha trusgan riomhach mar a bu ghnath le maithean na cuirte a bhith ’caitheamh. ’Na dheigh sin thuirt an righ, “A Ghanem, is e ’mo thoil-sa gu ’m bi thu ’fuireach anns a’ chuirt.” “A Cheannard nam fior Chreidmheach,” arsa Ganem, “feumaidh an seirbhiseach a bhith umhail do thoil a mhaighstir ris am bheil a bheatha agus ’fhortan an earbsa.” Chord an fhreagairt a thug Ganem dha anabarrach math ris an righ, agus dh’ ordaich e dha suim mhath gach bliadhna mar shaor-dhuais. An sin thainig an righ a nuas bhar na cathrach agus dh’ iarr e air Ganem agus air Giafar a dhol a’ sheomar fhein. Bha fhios aige gu ’n robh Fetnah, agus mathair, agus piuthar Ghanem anns an luchairt, agus dh’ ordaich e an toirt a steach. Leig iad iad-fhein ’nan sineadh air a bheulaobh aig a chasan. Dh’ ordaich e dhaibh eirigh ’nan seasamh. Agus an uair a bheachdaich e gu dluth air Alcolomb, agus a chunnaic e gu ’n robh i ’na boirionnach anabarrach maiseach, thuirt e rithe, [TD 339] [Vol. 9. No. 44. p. 3] “Tha doilghios orm a chionn gu ’n do bhuin mi co eucorach ri boirionnach a tha cho maiseach riut. Tha e mar fhiachan orm moran a bharrachd math a dheanamh dhut air na rinn mi de dh’ olc ort. Tha mi ’g ad’ ghabhail mar mo bhean. Agus air an doigh sin ni mi dioghaltas air Sobaide, a bha ’na mathair-aobhair air a’ mhi-fhortan a thainig ’na d’ rathad. Bidh i nis na mathair-aobhair air fortan a chur na d’ rathad. Ni mi barrachd air so,” ars’ esan, agus e tionndadh ri mathair Ghanem: “tha thu og gu leor fhathast; agus tha mi ’creidsinn nach ’eil dad agad an aghaidh an t-ard-chomhairleach a phosadh. Tha mi ’gad thoirt do Ghiafar, m’ ard-chomhairleach, agus tha mi ’gad thabhairt-sa Fetnah, do Ghanem. Tha mi ag ordachadh sgriobhadair a thoirt a steach, agus fianuisean a ghairm, a chum gu ’m bi na tri chumhnantan-posaidh air an sgriobhadh gun dail, agus gu ’n cuir sinn uile ar lamh-sgriobhaidh riutha. Bha Ganem toileach a radh ris an righ gu ’m biodh e ’na urram gu leor dha phiuthair a bhith ’na banoglaich aige, ach chuir an righ roimhe gu ’m posadh e i. Bha an sgeulachd so cho neo-chumanta ann an sealladh an righ ’s gu ’n d’ thug e ordugh do ’n t-seanachaidh a sgriobhadh facal air an fhacal mar a thachair i. ’Na dheigh sin bha i air a tasgadh anns an leabhar-lann. Bha i air a h-ath-sgriobhadh gu math tric, agus air an doigh so fhuair an saoghal fios mar a thachair. (A’ chrioch). Tamhaisg. LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASACHO. Earrann III. BHA coignear no siathnar fhear anns a cheardaich air chéilidh comhla ris a ghobhainn. Dh’ fhuirich iad a seanachas gus an robh e anamoch ’san oidhche. Agus an uair a dh’ fhosgail a h-aon dhiubh dorus na ceardach, ’s e air son falbh dhachaidh, thionndaidh e thar a ghuaille ris an fheadhainn a dh’ fhàg e na dheigh, agus thuirt e gu robh solus a nuas an rathad. Thainig a h-uile h-aon a bha ’sa cheardaich a mach agus thòisich iad air sealltainn an rathad a bha ’n solus, agus a cuir na ceisd ri cach a cheile, “Saoil co ’bhios a nuas an rathad mu ’n àm so dh’ oidhche?” “Dh’ fhaodte gur e th’ ann tamhasg,” arsa fear eile. “Cha ’n e mo thamhasg-sa a th’ ann co-dhiu,” ars’ an gobhainn. Ach feadh ’sa bha na fir ri feala-dhà anns an dòigh so, bha ’n solus a casadh orra, agus direach an uair a bha e cho faisg orra ’s gu ’m bu choir dhoibh gu ’m faiceadh iad an neach a bha ga ghiùlan, ann am priobadh na sul chaidh e as an t-sealladh, ’s ged a dh’ iarr iad shios ’us shuas cha robh neach ri fhaicinn; agus mu ’n do dhealaich na fir air an oidhch’ ud, cha robh iad idir cho àbhachdach nan cainnt ’sa bha iad ’n uair a chunnaic iad an solus an toiseach. Dh’ ainmich mi cheana gu ’n duirt an gobhainn ann am feala-dhà nach b’e a thamhsan a bh’ ann co-dhiu. Cha robh anns a ghobhainn ach gill’ òg ann an treun a neart, agus a bharrachd air a sud, dh’ fhaoite gu ’n do bhuail e na inntinn, nam b’e ’s gu ’n tigeadh am bàs air, nach b’e sud rathad a rachadh a chorp a ghiulan. Ach biodh sud mar a thogras e. Chaidh fios air a ghobhainn latha na dhà as a dheigh sud, ga iarraidh do thigh, no co-dhiu do stabull tuathanaich a bha mìle no dha uaithe, a dheanadh rudeigin mu ’n cuairt air each. Bhuail an t-each breab air, agus bha e marbh ann an leth-uair a dh’ ùine. Agus chaidh a chorp a ghiulan dhachaidh air a cheart rathad air am faca e féin agus càch an solus. O’n a dh’ ainmich mi nì no dhà a dh’ fhairich agus a chuala cuid nach gabhadh tuigsinn, faodaidh mi nì no dhà ainmeachadh a chunnaic cuid, agus a chuir fiamh orra, ged a bha a nì e fein nàdurra gu leoir. Leum boirionnach a mach as a tigh fein air maduinn shònraichte, agus ghlaodh i ri a fear, ’s e gu àrd air mullach mulainn anns an iolainn, “Thig a stigh, ’Eòghain, gu luath; thilg a phoit a bh’ air an t-slabhradh am brod, ’s tha ’n Donas a dannsadh ann an toll na luatha.” “A’ bheil gu dearbh,” arsa Eòghan; “dé ’n dath a th’ air?” “Tha dath na luatha,” ars’ a bhean. “Sin fein an dath is coir a bhi air,” ars’ Eòghan. “Ach leig thusa leis gus am bi e sgìth dannsadh, agus bi e ni ’s fhasa dhomhsa dol na bhad.” Ann am beagan ùine thainig Eoghan bhar a mhulain, agus chaidh e stigh. Thog e leis an rud a bh’ ann an toll na luatha agus nigh e anns an uisg’ e, agus chunnaic e gur h-ann a bh’ aige cnapach math de bhreac; agus dh’ ith Eoghan gu bhraiceas e, ach cha bheanadh a bhean dha. Thuirt i gu ’n do chuir e leithid de dh’ eagal oirre, ’s nach b’ urrainn i ’n t-iasg a chuir a choir a beoil. Tha e furasda gu leòir a thuigsinn cia mar a thachair so. Chaidh am boirionnach do ’n allt air son làn a’ chuinneig de dh’ uisge, agus chaidh am breac do ’n chuinneag gu ’n fhios dith,—agus gu ’n fhios da fhein cuideachd, tha mi cinnteach—agus an àm a bhith lionadh na poite as a chuinneig, chaidh am breac anns a’ phoit, chaidh a phoit a chuir air an teine, agus shuidh a bhean ri taobh an teine a figheadh stocaidh. Ach ’n uair a thòisich an t-uisge air fàs tuilleadh is teith air son a bhric, ghearr e cruinn-leum a mach as a phoit, a tilgeadh a’ bhrod roimhe, agus chuir e car no dha dheth fein ann an toll na luatha mu ’n d’ fhuair a bhean a cheud sealladh dheth. Thachair so anns a Ghàidhealtachd. Ach los a leigeil fhaicinn gu ’n gabh na goill eagal a chuir orra le ni gle fhaoin, cho math ris na Gàidheil, innsidh mi naigheachd mu rud a thachair air cladach na Solway, ann an ceann a deas na h-Alba. Tha uamha mhor anns an àite sin, agus bha uirsgeulan fuasach air innseadh mu timchioll leis na seann daoine a bhuineadh agus a rugadh ’sa thogadh mu ’n àite. Co-dhiu, air latha Sàbaid o chionn àireamh bhliadhnachan, chaidh dòrlach de ghillean òga a dh’ fhaicinn na h-uamha. Bha gille òg a buachailleachd chaorach faisg air beul na h-uamha, agus dh’ innis esan dhaibh nach robh e chum feum sam bith dhaibh dol do ’n uamh gun choinneal, agus fhuair e fein coinneal dhaibh. Bha cu aig fear dhiubh na chuideachd, ’s chaidh an cu a stigh do ’n uamha comhla riutha. Ghabh iad a stigh gu sùnndach, ri seanachas ’us feala-dha gus na thoisich an uamha ri fàs dorcha, ’sa sin las iad a’ choinneal; ach ’n uair a chaidh iad ni b’ fhaide air aghaidh, bha mac-talla a deanadh fuaim a bha car neònach leis na gillean, ’s cha robh iad ri bheag sam bith de sheanachas. Ann am priobadh na sùl thug an uamha spreidheadh aisde, le nuallanaich uamhasach nach cuala a h-aon aca riamh a leithid. Chaidh am fear aig an robh ’choinneal air chrith, ’s thuit an coinneal as a laimh ’s chaidh i as. “Am fear a d’ fhanadh ri ’bhogha, cha ’n fhanadh ri ’chlaidheamh,” a toirt a chasan as; ach ged a bha cuid dhiubh am beachd gu ’n deanadh iad a mach beul na h-uamha gun solus, ’s ann a bha fear an dràsda ’sa rithist a toirt smuid dha fein an sud ’s an so ri ballachan na h-uamha, far an laidheadh e ’s e glaodhaich air còmhnadh o’n fheadhainn a bha cho dona as ris fein. B’ i sud uamha na h-ochanaich agus na h oillt fad faisg air leth-uair an uaireadair, gus na thachair do dh’ fhear dhiubh, le tuiteamais, ga ’n d’ amais e beul na h-uamha, agus as a sin ghlaodh e air an fhear a bha buachailleachd nan caorach. Thainig am buachaille na ruith gu beul na h-uamha, ’sa chù fein aig a shàil, agus mu ’n gann a fhuair am fear eile ùine bruidhinn ris, thainig sionnach a mach as an uamha mu ’n casan, ’s na bhad ghabh cù a’ bhuachaille, ach cha robh sud a toirt “Cothrom na Féinne” do ’n t sionnach bhochd; bha e ’n deigh ’n cù eile a leith-mharbhadh mar a bha, agus cha robh e féin gun leon no dhà ged a bha bhuaidh aige thairis air a chù. Ach co-dhiu, eadar cù agus bata a bhuachaille, cha robh an sionnach fada ann an tir nam beò. A nis ’se donnalaich an t-sionnaich ’sa choin, agus mac-talla na h-uamha, a chuir an t-eagal air na fir ud. Agus na ’m biodh am buachaille mionaid na b’ fhaide gun tighinn, agus gun d’ fhuair an sionnach as gun duine ga fhaicinn, bhiodh naigheachd aig na fir ri innse a bheireadh orra féin agus air daoin’ eile a chreidsinn nach d’ fhalbh linn nam bòcan fhathasd. “Am bi bòcain agaibh ann an Glascho, Uilleam?” arsa seann duine anns a Ghàidhealtachd ri gille òg a bha ’n déigh dol dhachaidh as a bhaile mhor. “Cha bhi,” ars’ Uilleam, “bòcain againn ann an Glascho, a chionn cha ’n ’eil a bhi beò ac’ ann, eadar policemen ’us meirlich.” Ach ged a b’e so beachd Uilleam, chunnaic a h-aon no dha ann an Glascho rudan a chuir ioghnadh gu leoir orra. Bha, o chionn uine nach ’eil fada, fear obair, a bha mach air an oidhche, a tighinn dhachaidh gu thigh féin, mu shiath uairean ’sa mhaduinn. An uair a ràinig e ceann na staidhir air an robh e a còmhnuidh, chunnaic e eun mor dubh, cho mor ri sgarbh, a tighinn a mach á tigh coimhearsnaich, ged a bha ’n dorus dùinte. Ghabh an t-eun a sios leis an staidhir, agus sheas an duine ann an larach nam bonn, ’s gun fhios aige de bu chiall do ’n ghnothach. Ach ann an ùine bhig, ’s gun fhios aige fhein c’ar son, ghabh e sios an staidhir as deigh an eoin, ach ged a sheall ’s ged a dh’ iarr e sios ’sa suas an t-sràid, cha ’n fhac e sealladh eile dhe ’n eun. Thill e ’n sin air ais agus chaidh e stigh da thigh fein, agus an deigh dha greim bidh a ghabhail chaidh e laidhe, gun smid a ràdh ri neach mu ’n ni a chunnaic e. Ach an uair a bha e ’n déigh uair no dha de chadal fhaotainn, chaidh a dhùsgadh leis an ùb, àb a bha dol air aghaidh air braighe na staidhre. Thuig e gu ’n robh a dhorus féin fosgailte, agus dh’ éisd e tacan, a dh’ fheuch an tuigeadh e dé bha dol; agus an sin thainig a bhean a stigh, agus dh’ innis i dha gu ’n robh an coimhearsnach marbh, agus gu ’n d’ thàinig e ri bheatha féin. “Cha b’ iongantach,” ars’ esan ri a mhnaoi, “ged a thachair an sgarbh ormsa air an staidhir, ’sa mhaduinn an diugh.” Bha, o chionn dòrlach bhliadhnachan, boirionnach a còmhnuidh ann an Sràid nach ’eil fada bhuam aig a cheart àm so. Rachainn do ’n tigh anns an robh a comhnuidh aice, ’s anns am faod i bhith fhathasd air son na bheil fhios agam mu ’n atharrachadh, co-dhiu, ann an cairteal na (Air a leantuinn air taobh 342). [TD 340] [Vol. 9. No. 44. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, MAIGH 3, 1901. Aireamh nan Ceilteach. Thatar a’ meas gu bheil anns an Roinn Eòrpa coig milleanan deuga de shluagha tha de shliochd nan Ceilteach. Tha a’ mhor chuid dhiubh sin anns an Fhraing agus anns na h-eileanan Breatunnach. Agus cuiridh e ioghnadh air moran a chluinntinn gu bheil eadar tri us ceithir milleanan dhuibh sin a labhairt aon mheur no eile de ’n t-seann chànain. Ann am mor-roinn Breton, ’s an Fhraing, tha còrr us tri cheud deug mile de ’n t-sluagh a labhairt na Brythonic, seana chainnt na dùthcha, dh’ aindeoin gach dichioll no ana-ceartas a tha ’n riaghladh Frangach a’ cleachdadh air son a cur á bith. Ann an Wales tha eadar naodh ceud us da cheud deug mile a labhairt na Cuimrich, cainnt na dùthcha sin, agus tha an àireamh a sior dhol am meud, ged a tha iad aig an àm cheudna a’ fàs na ’s eòlaiche air a’ Bheurla na bha iad riamh roimhe. Tha cànain nam Breton agus nan Cuimreach gle choltach ri chéile, agus tha dealachadh mor eadar iad us Gàilig na h-Eirinn ’s na h-Alba, ged a tha e soilleir gu leor gu ’r ann o ’n aon fhreumh-chainnt a thainig iad uile. Ann an Eirinn tha eadar seachd us ceud mile de luchd-bruidhinn Gailig na dùthcha sin, ged nach eil ach mu dha fhichead mile dhiubh uile gu leir gun a bheag no mhor de Bheurla. Air Gàidhealtachd na h-Alba, tha mu dha cheud gu leth mile de luchd-bruidhinn Gàilig, agus cho fada deas ri siorrachd Pheairt, gheibhear clann bheag aig nach eil facal Beurla ’nan cinn. Ann am Manainn cha ’n eil a lathair ach àireamh bheag a labhras Gàilig an eilein sin, mu thri mile pearsa uile gu leir. CHA ’N eil e coltach gu ’n cuir Uilleam Bryan an còrr dragha air muinntir nan Staidean ag iarraidh a stigh mar ard-riaghladair na dùthcha. Tha e-féin ag radh nach eil e deònach ruith tuilleadh, agus tha iadsan a bha ’gabhail taoibh ris an da thurus a ruith e a’ sealltuinn mu ’n cuairt air son duin’ eile ’ghabhas àite. Tha Bryan, gun teagamh na dhuine tapaidh, agus a bharrachd air sin ’na dhuine onarach agus lan chogaiseach ’na bheachdan a thaobh cùisean-riaghlaidh na dùthcha. Ach bu bharailean ceàrr a’ chuid mhor dhe na bh’ aige; bha sluagh tuilleadh us làidir ’na aghaidh, agus mar sin cha do shoirbhich leis. Bha na Geancaich tuilleadh us glic air son gabhail ri saor-chùineadh an airgeid, agus tuilleadh us measail air na thug iad bho ’n Spàinn air son a bhi dhe ’n aon inntinn ri Bryan nuair a bha e ’comhairleachadh dhaibh an leigeil uapa. ’S iomadh sgeul iongantach a thatar ag aithris anns na paipearan-naigheachd o latha gu latha—feadhainn dhiubh ait, feadhainn air a chaochladh sin, agus an roinn as motha nan tulla bhreugan. Feumaidh neach a cheart aire a thoirt dé am paipear a leughas e aig an àm so. Mu na cogaidhean ann an Africa mu Dheas, ann an China, agus anns na h-Eileanan Philippinach, bidh a sgeul fhéin aig a h-uile paipear ri innse—cuid dhiubh fìrinneach, ach a’ chuid is motha gun bhun gun bharr. Faodar a radh le fìrinn mu roinn mhor de na paipearan-naigheachd, gu bheil iad a clo-bhualadh “A’ h-uile rud ach an rud ’bu chòir.” Bha na Coitearan air eilean Bharra o chionn àireamh bhliadhnaichean ag iarraidh tuilleadh fearainn, agus bha ’n Riaghladh a’ gealltuinn sin a thoirt daibh. Ach nuair nach robh am fearann a tighinn, dh’ fhas na coitearan sgith a feitheamh, agus toiseach a mhios Aprail ghabh iad seilbh air fearainn Eolagaraidh agus Bhatarsaidh, a bhuineas do Bhain-tighearna Gordon Cathcart. Is e eilean a tha ann a Bhatarsaidh, agus ’se féin agus Eolagaraidh an da fhearann a’s motha ’s a’s fhearr a tha ann am Barra. Dh’ eirich na coitearan tràth ’sa mhaduinn, chaidh aon sgioba gu Eolagaraidh, agus sgioba eile ann am bàtaichean gu Bhatarsaidh, agus thòisich iad air cur buntàta. Tha iad uaithe sin a deanamh curachd eile, agus a’ cur rompa seilbh a chumail air an fhearann le lamhachas-làidir gus an toirear dhaibh seilbh laghail air. Cha ’n eil teagamh nach eil e cearr do dhaoine bhi ’gabhail an lagha ’nan lamhan féin, ach anns a chùis so tha leisgeul nan coitearan bochda Barrach ri ’ghabhail. Tha iad ann air fad mu dha cheud teaghlach, ’s iad air an cumail air mìrean beaga fearainn as nach urrainn iad beòlaind cheart a thobhairt, agus raointean mora fearainn timchioll orra air am faodadh iad beò laind mhath a dheanamh, nan toirte dhaibh e. Ma tha na coitearan ri ’n coireachadh air son an lagh a ghabhail ’nan lamhan féin, tha an luchd-riaghlaidh ri ’n coireachadh gu mor air son a bhi cur dàil ann an cùis cho cudthromach. Dh’ fhalbh an deigh mhor Di-dònaich s’a chaidh, agus tha an acarsaid fosgailte uaithe sin, ’s na bàtaichean aiseig a ruith gach latha. Tha an t-side fuar gu leòr fhathast, gaoth tuath a séideadh gu làidir a’ chuid a’s motha de ’n t-seachdain so. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Am Policy a tha cordadh gu math ris gach seorsa dhaoine tha ’n Canada—am policy a tha air a sgriobhadh leis a Confederation Life Association. Is e so am Policy anns am bheil tearuinteachd. Cha ’n eil cumhachan teagmhach sam bith ann. Cha ’n eil ann ach gealltanas pàigheadh. Sgriobh gu ar luchd-gnothuich air son tuilleadh fiosrachaidh. Earras $8,000,000. Urrasachadh an Greim $33,000,000. F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 341] [Vol. 9. No. 44. p. 5] Naigheachdan. Chaidh fear Andra Anderson a mharbhadh ann an aon de mhèinnean Ghlace Bay Di-haoine s’a chaidh, le torr guail a thuiteam air ’se aig ’obair. Bu mhac e do Sheumas Anderson am Port Morien, agus bha e coig bliadhna fichead a dh’ aois. Tha gorta am measg an t-sluaigh ann an Sina, am mor-roinn Shan Si. Tha corr us aona millean deug sluaigh anns a’ chearna sin dhe ’n dùthaich, agus tha a mhor chuid dhiubh a’ fulang. Tha Li Hung Chang an deigh fios a chur do ’n Roinn Eòrpa ’s do na Staidean ag iarraidh cuideachaidh bidh us airgeid air son an sluagh a chumail o ’n bhàs. An àm a bhi ’g àireamh an t-sluaigh ann am Breatunn air a mhios a chaidh, bha urram air a chur air na h-Iortaich nach deach a chur air muinntir cearna sam bith eile dhe’n rioghachd. Chaidh soitheach-cogaidh a chur g’ an ionnsuidh á Grianaig, a dh’ aona ghnothuch air son àireamh an t sluaigh a ghabhail aig an àm a bha air òrdachadh leis an lagh. Tha, eadar bheag us mhor, tri fichead ’sa sia deug a chòmhnuidh air an eilean, ceathrar a bharrachd air na bha ann deich bliadhna air ais, ’nuair a chaidh an àireamh roimhe. Maduinn Di-donaich s’a chaidh, bha luchd da thanc de thearr air a losgadh aig laimhrig an iaruinn. Bha tri ceud us fichead mìle galan annta, agus thatar a meas a challa uile gu leir aig fichead no coig mile fichead dolair. Bha dithis no trùir dhiubhsan a bha ag obair air cur as an teine air an losgadh gu dona le tearr ghoileach a bha srutheadh as na tancaichean, agus chaill Seoras White te dhe mheòirean ag obrachadh na h-inneil-theine. Bha sgioba-teine á Sidni ’s á Glace Bay còmhla ri moran de luchd-obrach cuideachd an iarruinn féin ag obair mu ’n teine fhad ’sa mhair e, ’s ga chumail o sgaoileadh. Bha an tearr a chaidh a losgadh air a deanamh aig na Coke Ovens, agus bha i air a cumail anns na tancaichean a feitheamh gus am biodh i air a toirt air falbh le soithichean. Chaidh soitheach-smuide Frangach, air an robh ochd ceud gu leth iasgair a’ tighinn a mach gu St. Pierre, a bhristeadh beagan an deigh dhi fàgail thall, agus b’ fheudar dhi tir a dheanamh aig na h-eileanan Azores. Cha’n eil soitheach eile deiseil gus na daoine thoirt a nall, agus mar sin tha àireamh mhor de shoithichean an acarsaid St. Pierre nach urrainn a dhol a dh’ ionnsuidh an iasgaich. Bha na Frangaich air son àireamh mhor iasgairean a chur dh’ ionnsuidh nam bancaichean air an t-samhradh so. Tha dùil aca, mu ’n tig samhradh eile, bhi deanamh còrdaidh ri Breatunn a thaobh cladach a deas Newfoundland agus ma dh’ fhaodte St. Pierre, agus bha iad air son an t-iasgach a bhi cho mor ’sa ghabhadh e deanamh am bliadhna a chum gu ’m faigheadh iad am barrachd airgeid o Bhreatunn air son a bhi toirt suas an còirichean. Ach thug an sgiorradh a dh’ éirich do ’n t-soitheach-smuide so, agus na h-iasgairean a bhi gun dòigh tigh’nn bhar nam eileanan buille throm dh’ an ghnothuch sin. Air leinn nach bi moran duilichinn air muinntir Newfoundland air son mar a thachair. Tha Sir Tomas Lipton a’ cur roimhe réis a chur ris na Geancaich am bliadhna rithist. Tha birlinn ùr aig air a cur air sàl ann an Glaschu d’ an ainm an Shamrock II. Tha e dhe’n bharail gu bheil i fad air toiseach air an t-Seamrag eile ann an luaths, agus gu feum na Geancaich birlinn ro-mhath a chur ’san réis ma tha iad air son an duais a chumail aca féin air an turus so. Tha a’ bhreac gu math pailt ann an cearnan de dh’ Ontario. O thoiseach na bliadhna so bha còrr us ceithir ceud pearsa tinn leatha, ach tha e coltach nach eil an euslaint gle dhona, oir as an àireamh mhor sin cha do chaochail ach a ceathrar. Bha a’ bhreac o chionn àireamh mhiosan air ais am measg nan Innseanach ann an siorrachd Bhrant, agus bha iad ’ga cumail an cleth. Tha an riaghladh, air sàileabh sin, a’ bacail dhaibh aig an àm so an cuid fearainn féin fhàgail gun chead fhaotainn o lighiche, a dh’ fheumas a bhi cinnteach nach eil a bhreac nam measg mu ’n toir e an cead sin dhaibh. Chaidh fear Micheal Duggan a mharbhadh aig na Coke Ovens maduinn Di-haoine s’a chaidh. Bha e dol gu ’obair, agus a coiseachd air an rathad iaruinn. Bhatar a’ gluasad charbadan air an rathad, agus air dhasan dol a thaobh a’ seachnadh aon charbad chaidh e air thoiseach air carbad eile, a ruith thairis air. Bhuail na cuidhlichean m’a theis-meadhoin, agus bha e marbh air ball. Bhuineadh e do Mhargaree, far am bheil a mhàthair, triùir bhràithean agus dithis pheathraichean a fuireach. Bha e mu dheich bliadhna fichead a dh’ aois. Chaidh a chorp a chur gu Orangedale maduinn Di-sathuirne, agus bha e air a ghiùlain á sin gu a dhachaidh ann am Margaree. Dh’ eug Aonghas Caimbeul air an naodhamh latha dhe ’n mhios a dh’ fhalbh, air an Amhuinn Mheadhonach, aois ceud bliadhna agus a sia. Rugadh e ann an siorrachd Rois, an Alba, an 1803. Thainig athair ’s an teaghlach maille ri àireamh chàirdean air imrich gu Eilean a Phrionnsa air an t-soitheach Polly. Air an turus thachair soitheach cogaidh Frangach riutha, agus mur a b’e cho gleusda ’s a bha an sgiobair bhiodh iad air an glacadh mar phriosanaich. Anns an àm so bha naimhdeas aig na Frangaich ris na Breatunnaich. Dh’ iarr an sgiobair air an luchd-turuis a dhol a laidhe ’s leigeil orra gu robh a bhreac air bòrd. Cha bu dàna do ’n Fhrangach tighinn dluth dhaibh agus sheòl e air falbh. Bha Mr Caimbeul a còmhnuidh ann an Eilean a Phrionnsa gus a bhliadhna 1812, ’nuair a chual’ e an t-ainm math a bh’ aig Ceap Breatunn mar dhùthaich tuathanachais, agus shuidhich e-fhein agus a chàirdean gu ’n seòladh iad as an Eilean gu Ceap Breatunn. Rinn iad an turus fairge eadar an da eilean ann am bàta beag. Air an ath bhliadhna (1813) thog iad fearainn ann an Ceap Breatunn, e-fhein agus an còmhlan a thainig á Alba maille ris, agus bha iad air na ceud dhaoine geala a thog dachaidh dhaibh feìn air an Amhuinn Mheadhonaich. Bha Mr Caimbeul a mealtuinn deagh shlainte gus o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais, ’nuair a bhuail an grippe e, agus bha a fhradharc, a chlaistneachd, ’s a chuimhne chom ath ’sa bha iad ann an làithean òige. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 342] [Vol. 9. No. 44. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 339). h-uarach. Bha balachan aig a bhoirionnach so a shiubhail na leanabh. Bha balachan ’eile aig feadhain a bha fuireach air an staidhir os a cionn, agus fhad ’sa bha ’n leanabh aig a bhoirionnach so beò bhiodh e fein agus am balachan a bha gu h-ard an staidhir daonnan còmhla, agus an uair a shiubhail an darna h-aon, cha b’ urrainn an leanabh eile thuigsinn gu ro-mhath de thachair, agus thigeadh e stigh do thigh a bhoirionnaich so, agus shealladh e mu ’n cuairt air, ’s shuidheadh e air furm beag taobh an teine, ’s e sealltainn ris an leabaidh anns am fac e ’n sealladh mu dheireadh de ’n leanabh eile, agus an sin dh’ fhalbhadh e dhachaidh gun smid a ràdh ri neach. ’Se Tòmas a b’ ainm do ’n leanabh so; agus ’n uair a dh’ fhàs Tòmas mor, ’sa thainig e gu inbhe duine, cha robh ann ach duine gun fheum; bha e fuasach gòrach agus bhiodh e tric air mhisg, agus air uairean cha leigeadh a chuideachd a stigh idir e air an oidhche, agus ’s minig a bhiodh e gun àite, anns an d’ thugadh e a cheann, agus gun ghreum a chuireadh e na bheul. Ach bha aon àite aig Tòmas anns am faigheadh e cuid na oidhche, aon dorus nach do dhiùlt riamh fosgladh dha, agus b’e sin tigh a bhoirionnaich a dh’ ainmich mi—mathair an leanibh a chaochail. Thug màthair Thòmais an aghaidh air a bana-choimhearsnaich a chionn i bhi leigeadh le Tòmas fuireach a stigh aice air an oidhche. “Deanadh sibhse,” arsa am boirionnach, “mar a chi sibh iomachaidh ri ’ar mac fein, ach cha dùin mise mo dhorus gu bràth air companach mo leanibh.” Ach air latha de na làithean, sheòl Tòmas a mach á Cluaidh ’s thug e Australia air, agus a cheud litir a thainig bhuaidhe, thuirt e gu ’n robh e fada stigh anns an dùthaich, gun neach faisg air, ach caoraich ’us “Cangeroos,” fada o dhaoine, agus o bhuairidhean a “Ghallowgate.” Air latha ’àraidh, gu math tràth anns a mhadainn, dh’ fhosgail am boirionnach so dh’ ainmich mi cheana, a dorus fein, ann am baile Ghlaschu, agus fhuair i Tòmas na sheasamh aig an dorus; shin am boirionnach, a làmh le furan do Thòmas, ach an àite breith air laimh oirre, sann a ghabh e seachad oirre, a suas an staidhir, gun smid a ràdh ris a’ bhoirionnach. Sheas ise, ’s i fo ioghnadh agus fo fheirg, fear an robh i, ann an dùil gu ’n cluinneadh i Tòmas a bualladh aig dorus a phàrantan nach robh ach aona staidhir as a cionn. Ach an déigh dhìth seasamh ag éisdeachd car ghreis ’s nach robh buille aig an dorus na ceum air an staidhir, dhirich i suas gu fàilidh, ach ’n uair a rainig i an dorus gu h-àrd, cha robh neach ann. Ghabh i suas gu mullach na h-aitribh uile gu leir, ’s cha robh creutair beò ri fhaicinn, ’s bha i cinnteach nach do dh’ fhosgail dorus air a h-aon de na staidhrichean o’n a thainig i mach as a tigh féin. Cha deachaidh i a dh’ fharraid, de chuideachd Thòmais ni mu ’n cuairt air, ach thuig i air an seanachas, ’n uair a thachair iad oirre feadh an latha, nach d’ thàinig Tòmas dhachaidh, agus ’se ’n comhdhùnadh gus an d’ thàinig am boirionnnach, na h-inntinn fein, nach robh Tòmas ann an tir nam beò. Ach cha b’ ann mar sud idir a bha a chùis; bha Tòmas beò slàn ann am measg nan caorach, ’s na ’n “Cangeroes,” iomadh bliadhna as a dheigh sud, ’s faodaidh gu’m bheil e fathast ann. Cha robh sion sonraichte mu ’n cuairt air, co fad sa b’ fhiosrach neach, a bhiodh na aobhar air gu ’m faicte a thamhasg ann an Glaschu ’s e fein ann an “Australia.” Ach an uair a thainig litir o Thomas ’sa chual am boirionnach gu ’n robh e gu math, dh’ innis i an rud a chunnaic i, agus thòisich neach no dha air breanachadh air a chùis, ach cha b’ urrain iad dad a dheanadh dheth, ach gu ’n robh e coltach gu leòir gu robh Tòmas a sgriobhadh na litir ann an “Australia,” aig a cheart uair anns am faca am boirionnach a thamhasg ann an Glaschu. (A’ chrioch). Ami Mhoraidh. ’Sann ainneamh a gheibhear a measg muinntir na tire so neach tha gabhail urad shaothair gu bhi toirt fo chomhair an t-sluaigh cànain, ceòl, is litreachas “Tir nam beann,” na a bhana-Sheinnidear thaitneach Miss Amy Murray. Ged a tha beagan de bhlas na Beurla air a Gàidhlig, tha a lethsgeul ri ghabhail, a chionn ’sann le dichioll, agus le fior-spéis do’n chànain aosda chaidh i, an uiridh, do Ghàidhealtachd na h-Alba, gus an tuilleadh eòlais fhaotainn air Cànain, Ceòl, is Cleachduinnean nan Gàidheal. Thainig i air ais gu dachaidh féin, baile mor New York, lan-thoilichte as na chunna s’ na chuala i, agus le iomadh sgeul taitneach air caoimhneas agus fearas-chuideachd nan Gàidheal an Gleann-comhann, Ardnamurchan nan beann uaine, Suaineart du-ghorm a bharraich, agus Eilean Sgiathanach a cheò. Tha suil aice dol air chuairt troimh Chanada agus do na Roinnean-Iochdrachd air a mhios so tighinn. Cha ’n ’eil teageamh nach cuir na Gàidheil fàilte s’ furan oirre nuair chluinneas iad cho gleusda ’sa sheinneas i na h-òrain Ghàidhlig ’s Beurla air “clarsach” nan teud, agus le binneas a’ beòil. Mar an ceudna, tha i na maighdean cheanalta, ro-thaitneach na còmhradh, agus fior-dheònach air òrain bhlasda “Tir an fhraoich” a chraobh-sgaoladh air an taobh so de’n chuan. Buaidh is piseach air gach h-aon tha gabhail tlachd ’s spéis do ’n chainnt “Bhlasda, shnasda, cheòlmhor, Bhinneach, oranach, gach linn.” AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boid each a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 343] [Vol. 9. No. 44. p. 7] Allt an t-Siucair. (Oban Times). Rinn am bàrd, Mac Mhaighstir Alastair, aon do shruthanan na Morairne ainmeil fo’ n chliù so, gu ’n robh a bhruachan a’ sruthadh le siùcar á cridheachan nam fliùran òirdhearc a bha ’g an sgeadachadh. Ach cha ’n e an t-allt so air am bheil sinn gu bhi ag iomradh an dràsd. O cheann ioma bliadhna a nis bha an siùcar ro shaor; gheibhear air trì buinne sè na b’ àbhuist dhuinn a bhi faotainn air son sè sgillin. A thaobh a’ chogaidh tha e a nis air a ràdh gu ’m bi cìs ùr air a cur air an t-siùcar; agus mar so gu ’m bi aig an t-sluagh ri sgillin anns a’ phunnd a bharrachd ri phàigheadh. Tha e air a ràdh gu’n togar dà mhuillein dheug air an dòigh so. Ma thig a’ chìs so tha e soilleir gu ’m bi an duine bochd a’ pàigheadh a chuid féin co-dhiù do chostus a’ chogaidh. Tha tomhas do cheartas ann an so; a chionn gu ’n robh an sluagh iad féin car gionach air son a’ chogaidh. Far am bheil anamiann làidir anns a’ chreutair agus troimh am bheil e a’ faotainn riarachaidh cha ’n ’eil e neo-iomchuidh gu ’m biodh duais a’ ghluasaid theagmhaich ud a’ tighinn gu làimh an duine. Bidh mar so làmh an Ard-Riaghlaidh air a leagail air biadh an t-sluaigh; agus thig dhoibhsan a bhios a’ fulang a bhi a’ feòraich ’nam measg féin c’ àit am bi an dleasnas anns an àm ri teachd dh’ an taobhsan a bhios ag iarraidh dol do’n Phàrlamaid. Bha mòran do ’n t-sluagh ’nan amadain agus an aineolas aig an àm mu dheireadh; tha dòchas gu ’n aithne dhoibh slighe na còrach an ath uair. Fir Gun Fhearann. Tha ceudan diubh so ann an ceàrnaidhean do ’n Ghàidhealtachd, gu sònruichte anns na h-eileana siar; agus cha’n ’eil an luchd-riaghlaidh a’ deanamh oidhirp is fhiach a chuideachadh nan daoine bochda so. Tha na coiteirean truagha so ’nan aobhar nàire dhoibhsan a tha a’ frithealadh nan laghan. Tha gu leòir do fhearann an sud agus an so, ach cha ’n fhaigh an duine bochd e a àiteachadh, eadhon far am bheil e ullamh gu bhi pàigheadh màl reusanta. Cha ’n ’eil ioghnadh ged tha trioblaid ann an Uibhist agus ann am Barra far nach ’eil an dòigh beòshlaint ach glé ghann agus suarach. Tha an t-Ard-Riaghladh a’ dùnadh an cluasan an aghaidh éisdeachd ri feuman an t-sluaigh choitchinn. Is ioma uair a dh’ innseadh do na coiteirean gu ’n robh a’ chùis so gu h-àraidh ’nan làmhan féin. Tha ioma ni ann a dh’ fheudadh iad a dheanadh an taobh a stigh do chlàran an lagh air an robh iad a’ deanamh dearmad roimhe so. Tha sinn an dòchas gu ’m bheil iad a’ dùsgadh a suas ás ùr, agus nach téid iad a chadal a rithis an aithghearr. Cha d’ fhuaradh riamh sochairean is còirichean ás eughmhais strì agus ’na uairean còmhstri dhian. Tha lagh is airgiod air an sònruchadh air son na coiteirean so, ach cha d’ rinneadh feum dhiubh fathast. Cò aige a tha a’ choire? A charaid, mu ’n iarr thu comain air neach sam bith eile, thoir na tri nithe a leanas fainear. An toiseach, an urrainn duit a sheachnadh? A ris, am bheil e comasach do ’n ti air am bheil thu ’dol g’a iarraidh a thoirt seachad? Agus ’s an treas aite, an deanadh tusa air son do charaid, na ’m biodh e ’n ad aite-sa, a’ cheart ni sin a tha thu mar chomain ag iarraidh airsan? Uime sin, smuainich air na nithibh so, agus feudaidh e bhi gu ’n atharraich thu do bharail. Chaidh caileag bheag, sia bliadhna dh’ aois, a losgadh gu bàs aig Stewiacke, N. S., Di-sathairne s’a chaidh. Bha i comhla ri cloinn eile a cleasachd faisg air teintean a bha ann am pàirce a bhatar a réiteach. Ghabh a cuid aodaich teine, agus bha i air a losgadh cho dona ’s gu’n do chaochail i an ceann cheithir uairean. Anns an naodhamh linn deug chaidh mu shia fichead millein dolair a chosg a feuchainn ri crann a tuath an t-saoghail a thoirt a mach. Chaidh mu dha cheud soitheach a chall ris na h-oidhearpan a thugadh, agus mu cheithir mile beatha duine. INNSRIDH TAIGHE ’S BRAT-URLAIR. THA SINN A’ CREIC Paipearan Balla Geancach Dhe gach searsa. Cuiridh sinn Taighean nan lan Uidheam FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH. GORDON & KEITH, SRAID SHEARLOT. A. T. GRANND, Manager. Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 344] [Vol. 9. No. 44. p. 8] Cumha d’a Brathair le Nighinn Oig. ’S ann mu ’n taca so ’n dé ’Bu bhochd, airsnealach m’ fheum, Is mi smaointinn air beus do bheoil. ’S e mac Cholla nan euchd ’Rinn do bhualadh, mo bheud! Dh’ fhàg sin mise ri m’ ré fo leon. Ann an ciste chaoil, theann, Tha thu ’d laighe gun srann, Is gun socair fo d’ cheann ach bòrd. Corp bu ghil’ thu nan cnaimh Fo do léine chaoil, bhàin, Is thu ’d laigh’ air an traigh gun treoir. Slios mar eala nan tonn, Is cùl fàinneach deas, donn; ’S bu tu ’n t-òg a bha connar còir. Nuair a chunnaic mi fein, Fuil do chridhe ’s do chléibh, Chaidh am pudhar air ghleus am fheoil. Cùl an righe so thall Bha ’n sar ghaisgeach air chall; Fear an aignidh gun fheall, gun ghò. ’Tigh’nn bho cheardaich a ghuail, Bu ghlan rudhadh do ghruaidh, Mar an t-ubhall air uachdar meoir. ’S i do chas a bha luath, ’S i do làmh a bha cruaidh, Nuair a thachradh tu ’n ruaig no ’n tòir. ’S i do ghuala ’bha treun Ann an carraid no ’n streup; Bu tu marbhaich’ an fhéidh ’s an eoin. Bu tu marbhaich’ bhruic ruaidh ’Thig bho ’n fhireach so shuas, Is a choilich nuair ghluaist’ an t-òrd. Bu tu marbhaich’ bhric bhàin ’Thig bho ’n aigeal air snàmh, Nuair a ghlacadh tu ’n crann a’ d’ dhorn. Cha robh filidheachd cainnt, Cha robh lùth-chleas no danns’, Nach do dh-ionnsaich thu ’n camp Mhont-ròis. C’àit an robh e fo ’n ghréin Aon mhac gobha b’ fhearr beus Na mo bhràthair deas, treubhach, og? Bha thu ceanalta, suairc, Ann an còmhdhail an t-sluaigh; Gheibhteadh t’ fhuran is t’ uaisle ’s t’ eol. Leat bu mhiannach rum druidt’ Is daoine uaisle mar-riut, An àm tarruinn ri uchd an òil. ’S tu nach sealladh gu crìon Air a bheagan a dhiol Nuair a tharladh am fion a’ d’ dhorn. Bha thu càirdeach, a rùin, Do dheagh oighre Dhun-tuilm, Ceann nan gaisgeach bu chliùiteach dòigh. Bha thu càirdeach da uair Do Shiol Torcuill mu thuath; Sud na fearaibh a fhuair an leon. ’Nis bho ’n thachair dhomh féin, Bhith gun bhràthair a’ d’ dhéidh, B’ fhearr gu ’n greasadh Mac Dé mi ’d lorg. Oran Gaoil. LUINNEAG. Bu chaomh leam bhith mireadh, bhith mireadh, bhith mireadh, Bu chaomh leam bhith mireadh ri nighinn ghlain, òig. Bu chaomh leam bhith mireadh ri ’taobh mar a shirinn; ’S mo ghaol air a tiomachd ’n àm sireadh a pòig. Bidh sinne gu spéiseil an caidreabh a chéile, A laighe ’s ag éirigh an déidh a bhith pòsd’; Gun chùram fo ’n ghréin oirnn ach aighearach, éibhinn, ’S gach ni a bhios feumail gun éis air ar bòrd. Bidh tusa gach latha ’cur sùrd feadh an taighe, ’S bidh mise gu h-ealanta a gleidheadh dhuit lòin; Thig fiadh as an fhireach is breac as an linne; ’S nuair chi thu mi tilleadh gur geanail do sheòl. Bho ’n tha mi na m’ chabhaig ’s nach faod mi bhith fanachd, Thig làmh rium, mo chaileag, ’s gu ’m faigh mi do phòg. Ma ’s mise do leannan na bi ’ga mo mhealladh, No idir ri fanaid, ’s mo chion ort cho mòr. Nis innis an là dhomh; cha ’n fhaigh thu á m’ làmhan; Nach faic thu mar tha mi a ghnàth air do thòir. Da sheachdain bho màireach; ’n e sin tha thu ’gràitinn? Mo bheannachd gu bràth ort, thé ’s àille ’tha beò. Cailinn na Buaile. ’S ann thall thar na h-abhunn a chunna mi aiteal De ’n ribhinn a’s maisich’ a bha mi na ’còir; Bha dealradh na h-ainnir mar reulta na maidne; ’S bu taitneach leam labhairt is binneas a beoil. LUINNEAG. Cha ’n ioghnadh na gillean, na gillean, na gillean, Cha ’n ioghnadh na gillean bhith sireadh do phòig; Cha ’n ioghnadh na gillean bhith ’n tòir air an nighinn, ’S a gruaidh mar an t-siris ’s a bilean mar ròs. Tha moran de dhaoine ’sa chearn so de ’n t-saoghal, ’S nam faigheadh iad caoraich, crodh-laoigh, agus stòr, Nach iarradh a chruinneag ’tha meachair is cuimir; Gum fòghnadh leo dubh chaille bhrucach an sgleò. Ged bhiodh i na ’leine mar bhios i ag éirigh, Gum b’ annsa leam fein an te cheutach, ghlan, chòir; ’S i ’thogadh mo chridhe, ’s cha chlàrsach no fiodhull, ’S cha ’n aicheinn nach sirinn ’bhith ’ruigheachd a pòig. Tha ’slios mar an eala, tha ’cneas mar an canach, Tha ’gluasad mar ’s ainneamh ri ’fhaighinn an òigh. Gur siobhalta, stuama, deas chailinn na buaile, A siubhal le ’cuachan air uachdar an fheoir. ’S e ’n sòlas a’s aite bhith timchioll na mainnir Là céitein ’sa mhaduinn a coimhead na h-òigh’; Na laoigh ’s iad nan cabhaig ag iarraidh gu bainne, ’S a ghruagach og, cheanalt’ le cuman fo chròic. Nuair sheinneadh an éiteag ’sa chiùin mhaduinn chéitein, Is smeòrach na géige gu h-éibhinn ri ceol, Cha chualas ’sa chruinne riamh crùn-luath cho ullamh, ’S cho taitneach le duine ri coilleag a beòil. AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 345] [Vol. 9. No. 45. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 10, 1901. No. 45. Litir as an Eilean Sgiathanach. FHIR MO CHRIDHE:—Tha dòchas agam nach bi dad agad an aghaidh àite thoirt do ’n litir so anns a’ MHAC-TALLA. Ged a dh’ fhaodas cuid dhe na briathran a tha mi ’dol a sgriobhadh a bhith searbh gu leòr le iomadh fear dhe mo luchd-dùthchadh, cha dubhairt sin nach fhaod iad a bhith fior gu leòr. Tha seanfhacal ann a tha ’g ràdh, gu ’m bheil an fhìrinn searbh na uaireannan. Ach tha rudan searbha cho feumail dhuinn iomadach uair ri rudan milis. Mar is trice, is ann searbh a tha na cungaidhean leighis a tha ’n luchd-sgile a’ toirt do na daoine tinne gus an leigheas. Anns a’ cheud àite, tha mi ’meas gu ’m bheil na Gàidheil chòire, chneasda, a tha le toil agus le tlachd a’ leughadh agus a’ pàigheadh a’ MHIC-TALLA, ro airidh air cliù agus air moladh mòr fhaotainn. Tha iad a’ nochdadh gu soilleir do shluagh an t-saoghail gu ’m bheil de dhuinealas annta na tha ’toirt orra nach gabh iad dad de nàire ged a theid aca air Gàilig a leughadh agus a labhairt. Tha iad a’ nochdadh mar an ceudna gu ’m bheil meas aca air na daoine o ’n d’ thainig iad. Agus c’ar son nach bitheadh? Bha na seana Ghàidheil, mar shluagh, comharraichte ’nan latha ’s ’nan linn air son an caoimhneis, an carantais, an gliocais, an tuigse, agus am breithneachaidh. Bha iad duineil, tapaidh, treun. Tha ’Ghàilig, mar chànain, gu soilleir a’ nochdadh dhuinn gu ’n robh buadhan glé neo-chumanta air am buileachadh air na Gàidheil a bh’ ann o shean. Agus a’ mhuinntir a tha aineolach air a’ Ghàilig, cha ’n urrainn gu ’m bheil a’ bheag de mheas aca air na Gàidheil a bha beò anns na linntean a dh’ fhalbh. Ach tha luchd-leughaidh a’ MHIC-TALLA a’ nochdadh dhuinn gu soilleir nach d’ fhàs iad fhathast cho mòr asda fhein ’s nach fhiach leotha Gàilig a leughadh no ’labhairt. Tha mòran Ghàidheal air an taobh so dhe ’n chuan a tha smaointean gu ’m bi na Gaill agus na Gàidheil uaibhreach, mhòr-chuiseach a tha, gu mi-fhortanach, tuilleadh is pailt ann an Alaba, ag amharc sìos orra, ma bhios Gàilig aca. Ach ma thachair gu ’n robh cuid dhiubh cho mi-fhortanach ’s gu ’n d’ ionnsaich iad Gàilig a labhairt an uair a bha iad òg, maoth, gun phròis, gun uaill, aig glùin am màthar, tha ’dh’ aon toileachadh aca nach aithne dhaibh Gàilig a leughadh! An uair a theid iad do ’n eaglais Di-domhnaich, ged a bhios an t-seirbhis anns a’ Ghàilig, cha ’n aill leotha leabhar Gàilig fhosgladh! Is aithne dhomhsa nighean òg—bha i air fastadh ann an taigh dlùth dhomh—agus ged nach robh ach gann facal Beurla ’na ceann, cha tugadh i Biobull no Tiomnadh Nuadh Gàilig leatha do ’n eaglais air son rud sam bith! Tha mi eòlach air earrann mhath de Shiorrachd Earra-ghaidheil, de Shiorrachd Inbhirnis, agus de Shiorrachd Rois, agus cha ’n ’eil eagal orm a ràdh, nach ’eil aon as an fhichead de ’n t-sluagh òg a bheir leabhar Gàilig do ’n eaglais air Di domhnaich! “Nach fheum iad a bhith coltach ris na h-uaislean?” arsa duine còir a thachair rium o chionn ghoirid, agus e ’fàl-mhagadh orra. Tha mi ’n dòchas nach ’eil clann nan Gàidheal a tha ’fuireach air an taobh agaibhse dhe ’n chuan cho pròiseil agus cho mòr asda fhein ris a’ mhuinntir air an robh mi as iomradh. Air aon ni tha fhios agam, agus is e sin, nach biodh paipear-naigheachd Gàilig mar a tha am MAC-TALLA beò sia miosan ann an Alaba! Tha mi ag aideachadh gu ’m bheil nàire orm so a ràdh. Cha ’n fhiosrach mi gu ’m bheil cinneach eile anns an t-saoghal gu léir aig am bheil dìmeas air an cànain fhein ach na Gàidheil ’nan ònar! Agus their mi so, agus cha ’n ’eil eagal orm a ràdh, nach ’eil a’ Ghàilig dad air dheireadh air cànain sam bith fo ’n ghréin anns na briathran sin leis an labhair sinn gu modhail ri daoine agus leis an dean sinn seirbhis do Dhia. Tha mise ’labhairt Gàilig o chionn dlùth air tri fichead bliadhna; agus o chionn deich bliadhna fichead tha mi an déigh ùine mhath a chaitheamh ann a bhith ’sgriobhadh, a’ leughadh, agus a’ rannsachadh na Gàilig, agus mar is eòlaiche a tha mi ’fàs oirre, is ann is mò mo mheas oirre. Tha i ’na cànain a tha ro aosda agus ro thaitneach ri ’h-éisdeachd a thaobh cho tlàth agus cho deadh-fhuaimneach ’s a tha i. C’ àite am faighear bàrdachd cho taitneach ri ’leughadh agus ri ’h-éisdeachd ri deadh bhàrdachd Ghàilig? C’ àite an cluinnear cliù Dhé air a sheinn cho taitneach agus cho fìor dhrùighteach ’s a chluinnear e ann an eaglais anns am bi na sailm Ghàilig air an seinn gu fonnmhor, ceòlmhor, binn? Cha tachair duine sam bith rium a’s iomchuidhe agus a’s modhaile a labhras na seana Ghàidheal còir, ciùin, sìobhalta. Ach feumaidh mi aideachadh gu ’m bheil an seann sluagh fhein a’ fàs na ’s suaraiche mu ’n Ghàilig na bha iad. Tha cuid dhiubh a’ smaoineachadh gu ’m biodh iad fhein agus an teaghlaichean mòran na bu mheasaile agus na b’ fhearr suidheachadh anns an t-saoghal nan do thachair dhaibh a bhith air am breith agus air an àrach ann an àite anns nach robh facal Gàilig ri chluinntinn. Tha iad air am mealladh gu mòr. Tha miltean air mhiltean anns na bailtean mòra aig nach ’eil aon fhacal Gàilig, agus tha an àireamh a’s mò dhiubh na ’s bochdainne crannachur na na daoine aig nach ’eil ach gann facal Beurla. Cha dean a’ Ghàilig bochd sinn, agus cha dean a’ Bheurla beairteach sinn. Is còir dhuinn air a h-uile cor a’ Bheurla ionnsachadh; oir, gun teagamh sam bith, is i cànain cho feumail dhuinn ’s a th’ anns an t-saoghal. Ach cha chòir dhuinn air chor sam bith a’ Ghàilig a dhichuimhneachadh. Ged a chaillinn-sa an diugh a h-uile facal Gàilig a tha ’nam cheann, cha chuireadh e aon fhacal Beurla staigh rium. Is ann air a’ phuing so a tha mòran a’ dol am mearachd. Le cion toirt fa near, tha iad a’ toirt orra fhein a chreidsinn, gu ’m bheil am beagan Gàilig a th’ aca ’g an cumail o Bheurla ionnsachadh. Seallamaid beagan na ’s fhaide steach anns a’ phuing so. Tha mòran ann am Breatunn a tha feuchainn ri Fraingis is Gearmailt ionnsachadh, a chionn gu ’m bheil iad a’ creidsinn gu ’m faigh iad mòran na ’s fhearr air aghart anns an t-saoghal ma bhios eòlas math aca air an dà chànain so. Ach tha de thùr ’s de thuigse annta na tha ’toirt orra bhith creidsinn nach e na tha aca de Bheurla a tha ’g an cumail air an ais, ach a chionn nach ’eil Fraingis no Gearmailt aca. Agus tha fhios aca glé mhath, ged a chailleadh iad a h-uile facal Beurla ’th’ aca nach cuireadh sin aon fhacal Fraingis no aon fhacal Gearmailt a staigh riutha. Rud eile dheth, cha ’n ’eil a h-aon dhe na Gaill so a’ deanamh dimeas air an cànain mhàthaireil, mar a tha mòran dhe na Gàidheil a’ deanamh. Agus tha so ’na chliù dhaibh. Cha bhiodh e feumail, tha mi ’creidsinn, gu ’n abrainn mòran tuilleadh, o ’n a tha ’n litir so fada gu leòr mar tha. Ach mu ’n criochnaich mi feumaidh mi ràdh gu ’m bheil mi ’n dòchas gu ’n seas gach fìor Ghàidheal gu dìleas air taobh na Gàilig; agus cha ’n urrainn e a dhìlseachd a nochdadh na ’s fhearr na am MAC-TALLA a leughadh agus a phàigheadh gu riaghailteach. Feuchadh iad mar an ceudna ri tuilleadh de luchd-gabhail fhaotainn dha. Nan tugadh a h-uile fear a tha ’g a leughadh lan oidhirp air companach fhaotainn, theid mi an urras gu ’n soirbhicheadh an gnothach le iomadach fear. Tha toil agad barail dhaoine fhaotainn a thaobh co dhiubh a tha no nach ’eil am MAC-TALLA a’ fàs na ’s fhearr, no a’ fàs na ’s miosa. Is e gnothach glé iongantach leamsa gu ’n cuireadh duine sam bith anns am bheil tùr teagamh anns a’ chuis. Aithnichidh mise cia mar is còir dhut do ghnothach a dheanamh cho math ri fear sam bith eile dhe na bheil a’ leughadh MHIC-TALLA, agus tha mi ’g innseadh dhut nach robh e latha riamh o’n cheud latha ’dh’ fhosgail e a shùilean air talamh nam beò, cho mor ’s cho maiseach ’s cho làidir ’s cho fallainn ’s cho fiosrach ’s cho fuaimneach ’s cho measail ’s cho cliùiteach, agus cho eòlach air clanna nan Gàidheal air feadh cheithir ranna ruadha ’n t-saoghail ’s a tha e ’n diugh. Sin agad mo theisd-sa air a’ MHAC-TALLA. Math ’s mar a tha e ’n diugh, bhiodh e mòran na b’ fhearr anns gach dòigh nan robh na Gàidheil cho caoimhneil ris ’s bu chòir dhaibh. Ach thugadh iad uile lamh-chuideachaidh seachad, agus bidh am MAC-TALLA, an ùine gun bhith fada, cho mòr ’s cho làidir ’s cho cumhachdach ’s gur gann a dh’ aithnichear e. Is mi do charaid dileas IAIN. Sniodhasart, 13, 4, ’01. Facal no Dha Eile do Chuid de Ghillean Oga na Duthchadh. LITIR II. THA sibh air falbh o ’ur dachaidh fad an t-samhraidh ’s an fhoghair a’ cosnadh airgid gu trioblaideach, agus gu goirt; ach is duilich leam a radh nach ’eil sibh a deanamh buil cheart de na bheil sibh a cosnadh cho daor. An [TD 346] [Vol. 9. No. 45. p. 2] uair a thig sibh dhachaidh, deireadh an fhoghair, agus deannan beag airgid agaibh anns an sporran, bu choir dhuibh cuimhne bhith agaibh air co trioblaideach ’s a bha sibh an am a bith ’g a chosnadh, agus an aire mhath a thoirt da. Cumaibh an comhnuidh ann ’ur cuimhne nach mair an oige ’s an t-slainte gu brath. Thig an latha, ’s cha ’n ’eil fad thuige, anns am bi sibh lag, fann, gun treoir, gun spéirid, agus, faodaidh o bhith gun duine ann leis an truagh sibh. An uair a thig latha na coise briste bu mhath beagan airgid a bhith air chul na laimhe. A h-uile fear dhibhse a tha glic bidh e ’cur beagan anns a’ bhanca an drasta ’s a rithist, a dh’ fheitheamh air latha na coise briste. Tha, agus bha e ’na chomharradh air duine glic a bhith ’g ulluchadh airson an ama tha ri teachd. Ach ’illean, nach ’eil e fior a thaobh iomadh a h-aon de ’r seorsa-sa gur ann an goraiche a tha sibh a cosg an airgid a tha sibh a’ cosnadh gu goirt fad an t-Samhraidh ’s an fhoghair? An uair a thig sibh dhachaidh bhar na Galldachd mu thoiseach a’ Gheamhraidh, an aite an aire thoirt air gnothach an taighe mar bu choir dhuibh, ’s ann a chaitheas sibh bhur n-uine air cheilidh o thaigh gu taigh. An uair a thachras triuir no ceathrar dhibh ann an aon taigh, cuiridh sibh a dh’ iarraidh botuil de ’n mhugaid a tha Peige Bhàn a’ reic anns a’ bhaile ud thall. An uair a thraigheas sibh am fear sin cuiridh sibh a dh’ iarraidh fir eile. O fhear gu fear cha stad sibh gus am bi ’n dall daorach oirbh. Toisichidh bean an taighe ri deanamh cupan ti dhuibh feuch am fuaraich sibh. Bidh e faisge air da uair ’sa’ mhaduinn mu ’m bi ’n ti seachad. Theid sibh an uair sin dhachaidh mar is fhearr a dh’ fhaodas. Bidh sibh taingeil nach ’eil sluagh na duthchadh ’g a ’r faicinn. Tha fhios agaibh gu ’n cuireadh an doigh falbh a bhios agaibh ann an cuimhne nan daoine an doigh seolaidh a bhios aig na bataichean sgadain, an uair a bhios iad a tighinn a steach bun an locha, ’s a’ ghaoth direach nan aghaidh. An lar-na-mhaireach an uair a dh’ fheoraicheas ’ur parantan dhibh c’aite an robh sibh, no ciod e chum cho fada gu ’n tighinn dhachaidh sibh, cha leig an naire dhuibh an fhirinn innseadh. Toisichidh sibh ri gabhail leith-sgeulan breugach; agus feuchaidh sibh ris an dubh a chur air a’ gheal dhaibh. Tha ’ur parantan-sa mar a tha parantan eile, tuilleadh is ullamh gu bhith creidsinn a h-uile diog a their sibh riu. Caidlidh sibh air ’ur leapaichean gus am bi aird-fheasgair ann. An uair a dh’ eireas sibh ’s a gheibh sibh greim de ’n bhiadh—ma dh’ fhaodta gu bheil ’ur mathraichean truagha a’ cur a’ ghreim a ’s fhearr a stigh seachad air am beoil fhein airson a thoirt duibh—cuiridh sibh umaibh am bad aodaich a’s fhearr a th’ agaibh, agus bheir sibh aite gun mheas air chor-eiginn oirbh! Tha duil agaibh gu bheil meas mor aig na nigheannan oga oirbh. ’S ann aca nach ’eil. Feumar aideachadh gu bheil meas gu leor aig na h-oinsichean oirbh— “Eoin na h-aoin iteig.” “Ciod eile dheanadh amadan Ach leannachd ri oinsich.” Ach na nigheannan coire, measail, tuigseach, turail, cha bhi cuid no gnothuch aca ribh. Tha fios aca gu ’m b’ fhearr dhaibh clach a cheangal le ropa mu ’n amhaichean agus iad fein a bhathadh ann an sruth a’ mhuillinn na fear dhibh a phosadh. Is iomadh nigheann ghasda de ’n d’ rinn fear de ’r seorsa lan dhiol-deirc. Nach cianail an gnothuch mar a tha iomadh té anns an duthaich? An uair bu choir dhaibh a bhith aig an obair fhein ’nan taighean, ’s ann a bhios iad ’s cliabh air am muin a’ cur a mach inneireach, ’s a tarruinn mhonadh; no ’g obair le cois-chruim no le spaid, no le cliathadh anns an achadh! Nam biodh an cuid fhear aig obair fheumail sam bith cha bu leth ghearain; ach ’s ann a bhios iad a’ cur seachad na h-uine nan seasamh a’ gabhail pioba, agus an druim ri balla, ar neo ’nan sineadh ’nam baoghairean air na cnoic. Tha na nigheannan glice air dol nam faireachadh, agus tha iad ag radh nach bi cuid no gnothach aca ri fear sam bith de na lunndairean spaideil a tha co lionmhor anns an duthaich. Ach ma ghabhas sibhse comhairle ’na thrath cha ’n eagal duibh. Sguiribh de cheilidh nan taighean. Air a h-uile cor sguiribh de cheilidh na Sabaid. Eiribh ann an am, agus rachaibh a laidhe ann an am. Na bithibh idir mar a bhios na cait ’n ’ur cadal air an latha, ’s n ’ur caithris air an oidhche. Bithibh dichiollach aig gach obair; agus deanaibh buil mhath de ’r tuarasdal. Ma bhios airgiod agaibh a chorr air na dh’ fheumas sibh fhein, cuiribh anns a’ bhanca e, ar neo thugaibh do ’r parantan e. Seachnaibh gach droch cuideachd, ar neo cha bhi meas aig duine coir sam bith oirbh. Innsibh an fhirinn an comhnuidh. Cha robh rath riamh air luchd-innseadh nam breug. Os cionn gach ni grad sguiribh de na mionnan sgrathail sin a tha sibh a cleachdadh. Ged a tha moran de na daoine ris an canar daoine uaisle a’ cleachdadh a bhith ris na mionnan, na bithibhse idir ’g an leantuinn anns a’ chleachdadh shuarach so. Ni an ceard a’s suaraiche a th’ anns an duthaich mionnan a cheart cho fileanta ri uachdaran fearainn. Ma bha gus nach robh meas air luchd nam mionnan ’s an am a dh’ fhalbh, cha ’n ’eil meas sam bith an diugh orra. Seachnaibh an taigh-osda. Mur seachain, cha bhi agaibh mar luchd-comuinn ach a h-uile sgimileir a’s suaraiche a th’ anns an duthaich. Ged a dh’ fhagadh sibh a h-uile sgilinn a th’ agaibh ris an t-saoghal anns an taigh-osda cha ’n fhaigh sibh taing ’sam bith air a shon air a cheann mu dheireadh. Dh’ fhalbh latha anns an robh meas mor air an fhear a thraigheadh na botuil, ’s bu mho a chosgadh de chuid airgid anns an taigh-osda. Cha ’n ’urrainn fear seach fear dhibh beannachd Dhe iarraidh air fhein no air na bhios maille ris ann an taigh-osda. Far am bi ’n t-ol bidh boilich, far am bi boilich bidh breugan, agus far am bi na breugan, bidh athair nam breug e fhein air cheann na cuideachd. Cha ’n abair mi ’n corr an drasta. Bheir mi dhuibh beachd duine choir a sgriobh mu olcas an oil mu ’n d’ rugadh mi-fhin no sibh fhein— “Nach dona mar spors, Bhi suidhe mu bhordaibh, No bhith milleadh mo storais Le goraich gun mheas. Le siaraich, ’s le staplaich, Le briathran mi-ghuathaicht’; Le speuradh ’s le saradh An abharsair dhuibh. Bidh an donas ’s an dolas, De chonus ’s de chomhstri, ’S de tharuinn air dhornaibh, Anns a’ chomhail nach glic: Ri fuathas ’s ri sgainneil; Ri gruaidhean ’ga ’m pronnadh, Lo gruagan ’gan tarruinn, Le barrachd de ’n mhisg.” Seachnaibh an t-olc, agus seachnaidh an t-olc sibh. Deanaibh an ni a tha ceart ’s cha ’n eagal duibh. Is mi bhur dearbh charaid BODACHAN A’ GHARAIDH. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Le Iain. CAIB. XXIII. “AIR BEULAOBH AN UACHDARAIN.” AN ceann beagan sheachdainean chaidh Uachdaran Aird-Shannta, agus a bhean ’s a theaghlach do ’n Ghàidhealtachd. An uair a ràinig iad dhachaidh, rinn an tuath, mar a bha nàdarra gu leòr dhaibh, fleadhachas is fodhail gu leòr riutha. Fhuaradh fios gu ’n robh iad air an rathad dhachaidh, agus rinneadh gach ni a ghabhadh deanamh a chum a nochdadh dhaibh gu ’n robh meas mòr aig an tuath orra, agus gu ’n robh aoibhneas orra a chionn gu ’n d’ thainig iad air an ais gu slan, fallain. Air mullach gach cnoic a b’ àirde na cheile, bha torr de gach seòrsa connaidh, agus dhe gach ni eile a ghabhadh losgadh, deas gus goinnein a chur ris cho luath ’s a thigeadh iad a steach air crìochan na h-oighreachd. Bha am feasgar ann an uair a thainig iad air tir aig Laimrig-nan-lann, agus cha bu luaithe a thainig am bàta anns an robh iad ann an sealladh a’ chladaich na chuireadh goinnein ris an torr chonnaidh a b’ fhaisge air an laimrig; agus mar a bha na carabaid anns an robh iad a’ dol air an aghart troimh ’n oighreachd, bha teine an déigh teine air a lasadh, agus bha ’n tuath a’ deanamh iolach-ghàirdeachais a chluinnteadh, ri latha ciùin, air mhìltean a dh’ astar. An uair a choinnicheadh baidean dhe ’n tuath ris an Uachdaran an àite ’s an àite mar a bha e ’dol air aghart troimh ’n oighreachd, chuireadh e fàilte orra le caoimhneas agus le cridhealas mar bu ghnàth leis. Agus bha ’n dòigh anns an robh iad ’ga fhreagairt a’ nochdadh gu soilleir dha gu ’n robh iad cho measail ’s cho miadhail air ’s a bha iad riamh. Mu dheireadh rainig iad an taigh, agus bha am maor ’s am bàillidh, agus na tuathanaich bu chothromaich a bh’ air an oighreachd ’g am feitheamh air an raonaidh faisge air an dorus gus fàilte chridheil a chur orra. Thug iad so uile crathadh-laimhe do ’n Uachdaran, do’n mhnaoi ’s d’ a theaghlach. Agus o ’n a bha ’n t-Uachdaran agus a theaghlach sgìth an déigh an turuis fhada air an d’ thàinig iad an lath’ ud, ghuidh iad air an tuath an leithsgeul a ghabhail. Rinn an tuath so gu toileach; oir thuig iad gu ’m feumadh gu ’m biodh iad air an sàrachadh gu mòr, gu sònraichte a’ bhean ’s a’ chlann lag, an deigh an astair a chuir iad ’nan déigh an lath’ ud. Ged nach d’ thug an t-Uachdaran òrdugh sam bith seachad a thaobh nan teinntean-aidhir a bh’ air an lasadh air feadh na h-oighreachd, thug e òrdugh cuirm is fleadhachas gu leòr a thoirt do thuath na h-oighreachd gu leir. Rinn e so cha b’ ann a mhain a chionn gu ’n do ghabh e amhrus o na chual’ e o Uachdaran Langadail, agus o ’n mhaighstir-sgoile, gu ’m faodadh gruaim a bhith aig an tuath ris, ach mar thàingealachd air son gu ’n robh e fhein ’s a bhean ’s a theaghlach a’ tilleadh dhachaidh gu slàn, fallain an déigh an turuis fhada a thug iad a dh’ iarraidh na slàinte. Chuir tuath na h-oighreachd am feasgar agus an oidhche seachad cho toilichte ’s cho cridheil ’s cho sunndach ’s a b’ urrainn a bhith. Ged a bha cuid mhòr dhiubh air an sàrachadh le droch riaghladh, cha b’ ann air an Uachdaran a bha iad a’ cur na coire idir. Cha robh e doirbh dhaibh a thuigsinn gu ’m bu duine e a bha gu [TD 347] [Vol. 9. No. 45. p. 3] nàdarra glé iochdmhor, agus a bha tuilleadh is deas gus a bhith ’smaointean gu ’n robh daoine eile cho fad an aghaidh an uilc ’s a bha e-fhein. Ach ma chuir an tuath am feasgar agus an oidhche seachad gu cridheil sunndach, chuir an t-Uachdaran am feasgar agus an oidhche seachad ann an suidheachadh glé mhi-thoilichte. Riamh o ’n a dh’ innis Uachdaran Langadail dha mu ’n droch riaghladh a bh’ air an oighreachd aige, bha faiteachas air ’aghaidh a nochdadh an làthair a chuid tuatha. Ach an uair a chunnaic a an fhodhail a rinn iad ris fhein agus ri ’theaghlach cho luath ’s a thainig iad air tìr aig Laimrig-nan-lann, agus fad an rathaid gus an d’ ràinig iad a thaigh fhein, bha ’chogais ’ga dhìteadh gu mòr a chionn gu ’n do thachair dha luchd-dreuchd a bhith fo làimh a bha ’deanamh eucoir air an t-sluaigh. “Tha iad,” ars’ esan ris fhein, “a’ deanamh math an aghaidh an uilc. Ach mu ’m bi mise mòran na ’s sinne na tha mi, bidh caochladh cuir air clò Challum.” Is gann gu ’n do dhùin a shùil an oidhch’ ud ach a’ smaointean air caoimhneas na tuatha, agus air eucoir is ainneart an luchd-riaghlaidh a bha fo ’làimh. Mu ’n d’ thainig àm dha eirigh ’s a’ mhaduinn an là-iar-na-mhàireach, shuidhich e ’na inntinn ciod bu chòir dha a dheanamh. An deigh dha eirigh agus a bhiadh-maidne a ghabhail, chaidh e do ’n t-seomar-ghnothaich far an robh am maor ’s am baillidh ’ga fheitheamh. Chuir e failte orra mar nach biodh amhrus aige gu ’n robh dad sam bith cearr. Bha iadsan, mar a bha dligheach agus glic dhaibh, glé iriosal agus glé mhodhail ’na làthair. Cha do leig esan air gu ’n cual’ e dad cearr mu dheibhinn na h obrach a bh’ aca. Bu duine e a bha comasach air a rùintean a chumail am falach glé mhath, an uair a bhiodh e glic dha sin a dheanamh. Cha ’n e h-uile duine a tha comasach air so a dheanamh. Tha cuid de dhaoine ann air an aithnich thu anns a’ mhionaid co dhiubh tha no nach ’eil iad toilichte. Thug e greis mhath air bruidhinn riutha mu dheidhinn suidheachadh an t-sluaigh, agus mu dheidhinn na dòigh anns an robh iad a’ riaghladh na h-oighreachd ré na h-ùine a bha e air falbh as an rioghachd. Leis a h-uile ceasnachadh a bha e a’ deanamh orra ghabh iad amhrus gu ’n cual’ e rud eiginn nach do chòrd ris. Ghabh iad an t-eagal. Mar a tha ’m facal ag ràdh, “Tuigidh cù a chionta.” Nam b’ fhior iad fhein, bha a h-uile atharrachadh a rinn iad ceart gu leòr, agus bha ’n sluagh toilichte gu leòr leis gach ni a rinneadh. Cha do leig esan dad air mu na chual’ e mu ’n deidhinn air eagal gu ’n rachadh iad ’nam faireachadh, agus gu ’n tugadh iad oidhirp air falach a chur air an an obair a rinn iad le toirt air an tuath seasamh air an taobh. Bha e ’na chleachdadh aig an Uachdaran a bhith o àm gu àm ag amharc thairis air leabhraichean a’ mhàil, an uair a chuireadh am bàillidh na cunntasan gu lèir ann an òrdugh. Anns an àm so, thug e an aire gu ’n robh àireamh de dh’ ainmeannan ùra anns na leabhraichean, agus gu ’n robh cuid dhe na h-ainmeannan air an robh e eòlach air an dubhadh am mach. An uair a dh’ fheòraich e dhe ’n mhaor ’s dhe ’n bhàillidh, an e bàsachadh a rinn cuid dhe ’n tuath an uair a dhubhadh an ainmeannan am mach as na leabhraichean, thuirt iad ris gur ann a thugadh uatha am fearann a chionn nach robh iad ’ga obrachadh ceart. An uair a dh’ fheòraich e dhiubh an crobh na tuathanaih ùra ann an cleamhnas no ann an càirdeas ris na daoine o ’n tugadh am fearann, thuirt iad ris nach robh. Cha dubhairt e an corr riutha mu ’n ghnothach. An àite gabhail mu thàmh an oidhch’ ud mar bu ghnàth leis is ann a chuir e seachad an oidhche a sgrìobhadh litrichean thun na tuatha ag iarraidh orra tighinn thun an taighe far an robh e aig uair ainmichte air an fheasgar ud fhein. Agus ann an soilleireachadh an latha dh’ fhalbh marcaiche ann an cabhaig leis na lithrichean g’ an ionnsuidh. Ghabh an tuath ioghnadh gu leòr an uair a fhuair iad na litrichean. Cha b’ urrainn daibh a thuigsinn c’ ar son a chuir an t-Uachdaran fios orra. Bha eagal air cuid dhiubh gur ann a bha e ’smaointean an cur air falbh as an dùthaich mar a bha cuid de dh’ Uachdarain eile na Gàidhealtachd a’ maoidheadh a dheanamh air an cuid tuatha fhein. Aig an uair ainmichte bha ’n tuath gu léir aig taigh an uachdarain. Fhuair am maor ’s am bàlllidh litir o ’n Uachdaran mar an ceudna; ach cha do chuir so ioghnadh sam bith orra o ’n a bha iad ’na sheirbhis. Ach an uair a ràinig iad taigh an Uachdarain agus a chunnaic iad àireamh mhòr de thuath na h-oighreachd ’nan seasamh air an réidhlein mu chionneamh an dorus, is gann a bha fhios aca ciod a theireadh iad. “Ciod e ’chuir an so sibh an diugh, ’fheara?” ars’ am maor, agus coltas glé ghruamach air a ghnùis. Fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, “Thàinig sinn uile an so an diugh a chionn gu ’n do chuir an t-Uachdaran fios oirnn. Is cinnteach nach b’ ann gun aobhar a chuir e fios oirnn; ach feumaidh gu ’m bheil gnothach sònraichte aige ruinn mu ’n do chuir e litrichean g’ ar n-iarraidh ’s a’ mhadainn mhoich an diugh.” Sheall am maor ’s am bàillidh air a cheile. Thuirt am maor, “Ged nach e so latha na gugaireachd, feumaidh gur ann air ghugaireachd a chuireadh sibh.” “Ma ’s ann air ghugaireachd a chuireadh sinn, is e an t-Uachdaran a chuir ann sinn; tha ’ainm ris na litrichean a fhuair a h-uile fear dhinn an diugh, agus is e fear de sheirbhisich an Uachdarain, a’ marcachd air aon de dh’ eich an Uachdarain, a thug dhuinn na litrichean,” arsa fear beag tapaidh dhe na bh’ anns a’ chuideachd. Sheall am maor ’s am baillidh a rithist air a chéile, agus thainig atharrachadh dreach air an gnùis. Ach mu ’n do tharr iad facal a ràdh, thainig an t-Uachdaran am mach agus chuir e fàilte orra gu léir. Dh’ aithnicheadh duine sam bith air a ghnùis nach robh e toilichte. Thuirt e riutha gu ’n robh gnothach sònraichte aige riutha, agus gu ’m b’ fhearr dhaibh a dhol a steach do ’n t-seomar-dhinneireach. Chaidh iad uile a steach; agus ged a bha ’n seomar mòr, farsuinn, agus àiteachan-suidhe gu leòr air an cur ann, is gann gu ’m faigheadh na h-uile a chruinnich an lath ’ud àite-suidhe. Chuireadh na daoine bu shinne ’nan suidhe, agus sheas na daoine ’b ’òige air an cùlaobh. Fad mionad no dhà bha na h uile a bh’ anns an t-seomar, ach an t-Uachdarain ’na ònar, fo mhor-ioghnadh car son a ghairmeadh cuideachd iad. (Ri chriochnachadh ’s an ath aireamh). Ge b’e ’bhios gu math rium, bidh mi gu tric aige. Ge b’e ’chaomhnas an t-slat, is beag air a mhac. Ge b’e do’n d’ thug thu ’mhin, thoir dhà a’ chàth. Ge b’e ’ghleidheas a lóng gheabh e latha. Litrichean mu Mhac-Talla. ANNS an àireamh a thainig a mach air a’ choigeamh latha deug dhe ’n Mhàrt, thug sinn iomradh air dithis no triùir de ’n luchd-gabhail a bhi ’gearan nach robh am MAC-TALLA cho math ’sa bha e bliadhnaichean roimhe. Chuir sinn romhainn an sin fhaotainn a mach an robh no nach robh a’ bharail sin coitchionn am measg ar leughadairean, agus air son an aobhair sin thug sinn cuireadh dhaibh uile an caochladh bharailean a chur an céill dhuinn gu saor agus gu soilleir, gun sgàth, gun eagal. Fhuair sinn àireamh mhath de dh’ fhiosan-freagairt. Agus tha sinn a nise ’g an toirt do ar leughadairean anns an òrdugh anns an d’ fhuair sinn iad: Litir a Sidni Tuath. Tha do phaipear gasda tighinn g’ am ionnsuidh gu riaghailteach bho ’n thòisicheadh air a chlo-bhualadh, agus is i mo bheachd gu bheil e gach bliadhna dol na ’s fhearr. Cha ’n ’eil coire agam ri fhaotainn dha na tha air a chlo-bhualadh ann bho aghaidh gu ’chùl. Ri ’n gabhail bhar a chéile, tha na naigheachdan, na litrichean, na h-eachdraidhean, na sgeulachdan agus a’ bhàrdachd a tha ann cho fior thaitneach agus nach eil mi-fhin ag iarraidh atharrachaidh sam bith, agus bidh mi ’ga ghabhail ’ga leughadh ’s ga phàigheadh fhad ’sa theid agam air feum a dheanamh dheth, agus tha mi an dòchas gu ’n dean gach fior Ghàidheal ’san dùthaich an ni ceudna. IOMHAR DOMHNULLACH. As an Dun Ghlas. Their mi gur h-i mo bharail fein gu bheil MAC-TALLA a’ dol na ’s fhearr a h-uile latha, agus gu bheil e aig an àm so na ’s fhearr na bha e riamh. Cha ’n eil mi smaointeachadh gu ’m bu chòir do neach sam bith da sgeul iarraidh a b’ fhearr na “O chionn tri fichead bliadhna,” agus “Bliadhna Thearlaich.” Agus tha gach aon de luchd-leughaidh a’ phaipeir air am bheil mi eòlach dhe ’n cheart bharail. B’ fhior thoigh leam a bhi cluinntinn o “Bhodachan a’ Ghàraidh” na bu trice; tha meas mor againn air a chuid litrichean, agus tha sinn an dòchas gu ’n sgriobh e moran dhiubh am bliadhna. ’Nam bharail fhin, cha bhiodh e as an rathad dhuibh beagan dhe na sgeulachdan ’s dhe na còmhraidhean àbhachdach a bha anns a MHAC-TALLA ’s na ceud bhliadhnaichean a chlo-bhualadh fhathast; oir, tha moran de leughadairean ùra aig a phaipeir, agus cha mhi-chòrdadh e ris na seana leughadairean fein cuid diubh fhaotainn uair eile. Ach a thaobh MAC-TALLA bhi dol na ’s miosa, cha ’n eil e ’deanamh sin idir; ’s ann a tha e ’dol na ’s fhearr na h-uile seachdain. ALASDAIR MAC-GILLE-BHRATH. Dunmaglass, N. S. As a Mheinn Uir. Cha ’n ’eil mise smaointeachadh gu bheil MAC-TALLA cho math ’sa bha e bliadhnaichean roimhe. A dh’ aon ni tha e daonnan fad air deireadh ’s na naigheachdan. Gheibhear na naigheachdan as na paipearan Beurla tri no ceithir a lathaichean mas fhaighear as a’ MHAC-TALLA iad, agus cha bhi na naigheachdan air an innse dad na ’s fhearr na bhios iad anns na paipearan Beurla. Cha ’n eil mi, air an aobhar sin, a’ toirt sùil air na naigheachdan anns a’ MHAC-TALLA ach uair glé ainneamh. Agus tha fhios agam gu bheil moran eile de na leughadairean air an aon dòigh. Faodaidh mi a ràdh gu bheil mi a’ gabhail a MHAC-TALLA o’n bha e ceithir miosan a dh’ aois, agus a nise tha mi a’ gabhail da àireamh gach seachdain. Is mi ur caraid, Reserve Mines, C. B. M. R. MAC-NEILL. (Air a leantuinn air taobh 350). [TD 348] [Vol. 9. No. 45. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, MAIGH 10, 1901. Anns an àireamh so gheibhear cùnntas litrichean a sgriobh càirdean ugainn mu ’n MHAC-TALLA, a’ freagairt nan ceistean a chuir sinn air ar luchd-leughaidh air a choigeamh latha deug dhe’n Mhàrt. Cha ’n eil aon litir no aon bharail a fhuair sinn ri bhi air a cumail an cleth, agus ged a tha dha no tri litrichean, a bha tuilleadh us fada, air an giorrachadh, cha ’n eil brigh no seadh aoin dhiubh air atharrachadh. Tha beagan litrichean a fhuair sinn do nach b’urrainn dhuinn àite dheanamh air an t-seachdain so; gheibh ar luchd-leughaidh iad sin anns an ath àireamh. THA an Riaghladh Breatunnach an deigh riaghailt ùr a dheanamh a thaobh biadhadh nan saighdearan. O thoiseach an ath mhios, bidh gach feòil agus biadh eile air son an airm air a cheannach ann am Breatunn féin, no anns na Colonies. Tha so air a dheanamh air iarrtus luchd-togail cruidh anns na h-Eileanan Breatunnach, a bha ’gearan gu robh feoil agus biadh eile ’ga cheannach ann an dùthchannan céin a roghainn air na bha ri chreic aig na tuathanaich Breatunnach féin. Cuiridh an riaghailt ùr so call air tuathanaich nan Staidean, ach ni e feum do thuathanaich Eirinn us Shasunn, agus ma dh’ fhaodte do thuathanaich Chanada. MU ’N do thòisicheadh air togail an rathaid-iarruinn eadar Port Hastings agus Broad Cove, dh’ aontaich comhairle siorrachd Inbhirnis leth-cheud us tri mile dolair a thoirt mar chuideachadh do Mhac-Coinnich & Mann. Bha so air a dheanamh air chùmhnant gu ’n biodh an rathad criochnaichte air a cheathramh latha deug dhe ’n mhios a tighinn. Tha e nise soilleir nach bi e criochnaichte air an latha sin, agus bha Mac-Coinnich & Mann air beulaobh na comhairle air an t-seachdain s’a chaidh ag iarraidh sia miosan eile air son an obair a dheanamh. Dhiùlt a’ chomhairle sin a thoirt dhaibh, agus tha aca nise ris an rathad a thogail gu h-iomlan air an cosdus féin. Thatar ag radh gu faod e bhith gu ’n tairg a’ chomhairle cuideachadhadh dhaibh aig suidhe na h-ath bhliadhna, air chùmhnant gu ’n cuir iad an rathad cho fada tuath ri Cheticamp, agus gu ’n ruith iad meur eadar Mabou us Orangedale. Tha sinn ag radh ann an àit eile nach eil litir no barail a fhuair sinn mu ’n MHAC-TALLA air a chumail an cleth. Tha sinn air son sin a cheartachadh. Fhuair sinn aon litir nach cuir sinn an clò an ainm an fhir a sgriobh i, agus tha an deagh aobhar againn. Ged a tha na Gàidheil anns an dùthaich so ’nan daoine air leth sitheil, agus iarratach air a bhi ’cumail nan àithnean, tha eagal oirnn nan toireamaid ainm an fhir a sgriobh an litir ud am follais nach biodh a bheatha sàbhailte. Am bheil fhios agaibh gu dé bha e ’g iarraidh oirnn a dheanamh air son MAC-TALLA bhi na’s fhior fhearr na tha e an sùilean a luchd-leughaidh? Tha, sinn a bhi clo-bhualadh earrainn dheth gach seachdain ann am Beurla! Cha ’n eil sinn a’ dol a thoirt an còrr iomraidh air an duine so no air a litir, gun fhios nach fhaodamaid leigeil le facal no dha tuiteam a bhrathadh an duine bochd, le chur an comas dhaoine eile fhaotainn am mach có e ’s càite ’m beil e; agus na ’n tachradh sin, b’ e mo thruaighe esan! Ach gun a bhi ri tuilleadh àbhachdais, cha ’n eil sinn a’ creidsinn gum biodh e ceart no feumail earann dhe’n MHAC-TALLA chlo-bhualadh ann am Beurla. Tha an àireamh a’s motha de luchd-leughaidh a phaipeir ’ga ghabhail agus a’ seasamh ri chùl gu dìleas a chionn gur paipear Gàilig e, agus na ’m biodh a’ bheag no mhor de Bheurla air a chur ann, cha bhiodh e cho math nan sùilean ’sa tha e, agus cha bhiodh ach fior bheagan tlachd aca ann. Agus na ’m faigheadh a’ Bheurla stigh aon uair, bhiodh i glé bhuailteach air a bhi ’gabhail seilbh air, a lion beagan us beagan, agus an ceann ghrunn bhliadhnaichean ’se bhiodh agaibh paipear Beurla anns am biodh leth no cairteal taoibh-duilleig air a chur air leth mar “Chùil do ’n Ghàilig.” Air an aobhar sin cha leig neach sam bith a leas a bhi comhairleachadh dhuinn Beurla chur anns a MHAC-TALLA. Tha paipearan Beurla gu leòr anns an dùthaich; cha ’n eil ann ach aon phaipear Gàilig, agus bu bhochd an gnothuch an aon phaipear sin a bhi air a thruailleadh le Beurla. “Is toigh leinn a’ Ghàilig, A bàrdachd ’s a ceòl; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leòn: ’S i dh’ ionnsaich sinn tràth Ann an làithean ar n-òig, ’S nach treig sinn gu bràth Gus an laidh sinn fo ’n fhòd.” Anns an ath àireamh, gheibh ar leughadairean litir o sgriobhadair ùr a tha toirt mar ainm-pinn dha féin “Mac-Uisdean.” Cluinnear uaithe gu tric an deigh so, agus tha sinn an dòchas gu ’n taitinn a chuid sgriobhaidh ris na Gàidheil anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Mattheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 20 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,980.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 349] [Vol. 9. No. 45. p. 5] Naigheachdan. Chaidh Micheal Domhnullach, a mhuinntir Cobh nan Eirionnach, a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn Chaledonia feasgar Di-luain s’a chaidh Tha dòchas aig na dotairean nach aobharaich an goirteachadh a bhàs, ach gu ’n teid e am feobhas. Tha moran sgiorraidhean a’ tachairt anns na mèinnean air a bhliadhna so. Tha e air innse gu bheil Diuc Earraghàidheil a brath Eilean Thireadh a chreic. ’S e eilean gle thorach a tha ann an Tireadh. Tha i mu dha mile dheug a dh’ fhad agus mu cheithir mile a leud. Tha an t-eilean so anabarrach còmhnard; agus nì glé iongantach cha ’n fhàs craobhan idir air. Tha mu thrì mìle sluaigh a deanamh an còmhnuidh ann an Tireadh. Thatar air an t-samhradh so a’ dol a chur àireamh mhor chraobhan air Eilean Sable, agus ma dh’ fhàsas iad bidh iad na ’m fasgadh mor do na h-eich a tha ’g àiteach an eilein stoirmeil sin. Cha ’n eil aig an àm so ach da chraoibh air an eilean uile gu leir. Tha an talamh math gu leòr, ach tha na gaothannan cho fuar ’s cho làidir ’s gu bheil e doirbh do chraoibh seasamh riutha. Eadar na thuit anns na blàir agus na chaochail le tinneas, chaill an t-arm Breatunnach gu ruige so ann an Cogadh Africa mu Dheas, seachd ceud us ceithir deug (714) de dh’ oifigich, agus ceithir mile deug da cheud ’s tri fichead ’sa ceithir (14,264) de shaighdearan cumanta. A bharrachd air na chaill am beatha, bha còrr us ceithir ceud air an cur dhachaidh tinn, agus tha cuid dhiubh sin nach bi comasach air obair sam bith a dheanamh fhad ’s is beò iad. Is uamhasach an ni an cogadh. Thainig bean do bhaile Halifacs oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh a thug seachad mar a h-ainm Mairi D. Eastman. Ghabh i seòmar ann an aon de na taighean-òsda, agus mharbh i i-fein le urchair daga. Dh’ fhàg i litir sgriobhte anns an d’ iarr i gun oidhearp sam bith a bhi air a thoirt air fhaotainn a mach co i, no co as a thainig i. Phaigh i muinntir an taigh òsda air son tàmh na h-oidhche, agus bha suim bheag airgeid na sporan nuair a fhuaireadh marbh i. Cha d’ fhuaireadh fiosrachadh sam bith mu deidhinn fhathast. Tha sgeul uamhasach air tighinn á Eilean a’ Phrionnsa. Ann an Rose Valley, beagan mhiltean a mach á Baile-Shearlot, bha seana-bhean, ban-Leodach, air a faotainn marbh ’na tigh féin o chionn ghoirid, agus an deigh a tiodhlacadh ghabh daoine àmhrus nach bu bhas nàdarra a fhuair i. Chaidh an corp a thogail, agus fhuair na dotairean làraichean air an aodann ’s air an amhaich a nochd gu soilleir gu ’m b’ ann air a tachdadh a bha i. Chaidh an sin a mac féin, Gilleasbuig Mac-Leoid, a chur an greim air son a mort. Dh’ àicheidh e a chionta ’nuair a chaidh a ghlacadh, ach oidhche na Sàbaid s’a chaidh thainig e ri bheatha féin anns a’ phriosan; chroch e e-fein le stiallan a shrac e á searbhadair ’sa shnaim e ri chéile. Bha Mac-Leoid a fuireach san aon tigh ri ’mhàthair. Bu leatha-sa darra leth an fhearainn, agus thatar a deanamh gnr ann air son gum biodh an t-iomlan aige féin a chuir e crioch oirre. Tha comhairle na siorrachd so na suidhe air an t-seachdain so. Tha gnothuichean cudthromach air am beulaobh air an turus so, togail taigh-cùrtach agus taigh-caothaich, a bharrachd air gach gnothuch eile is àbhaist a bhi aca ri dheanamh aig suidhe ’n t-samhraidh. Cha ’n eil aca de dh’ airgead ròidean us dhrochaidean air son na bliadhna so ach $1,912, suim nach eil ach gle shuarach air son na tha de ròidean ’s de dhrochaidean ri ’n deanamh ’s ri ’n càradh air feadh na siorrachd. Bha na gualadairean agus an luchd-obrach eile a tha ’g obair anns na mèinnean an taobh deas na siorrachd so ag iarraidh àrdachadh tuarasdail toiseach an t-samhraidh so, agus air do chuideachd a’ ghuail sin a dhiùltadh dhaibh, bha a’ chùis air a cur air beulaobh cùirt-reiteachaidh. Bha a chùirt sin ’na suidhe o chionn àireamh sheachdainean ann a Halifacs agus a rithist ann an Glace Bay far an robh daoine air an ceasnachadh air gach taobh. An deigh dhaibh mar sin éisdeachd ris na bha ri radh air gach taobh, thug uaislean na cùirte mach breth gu robh a’ chuideachd a deanamh cho beag air a’ ghual a bha iad a creic ’s nach b’ urrainn dhaibh tuarasdail an luchd-obrach àrdachadh gun call mor fhulang. Tha na tuarasdail mar sin ri fuireach mar a bha iad, air a bhliadhna so co-dhiu. Ghabh aon de phaipearan Halifacs air féin o chionn ghoirid innse do mhuinntir a’ bhaile sin nach eil gràdh mor sam bith aig muinntir na dùthcha dhaibh, agus gu robh na deagh aobhair aca. An àite bhi an comain a’ phaipeir air son sin innse dhaibh, ni air ’m bu chòir dhaibh a bhi fiosrach o chionn fhada, ’s ann a tha iad a’ gabhail na feirge ris. Ach cha dean an fhearg sin call mor sam bith; mar is luaithe chreideas muinntir Halifacs gu bheil barrachd ’s iad féin ann an Nobha Scotia, ’s ann is fhearr dhaibh air a’ cheann mu dheireadh. Tha moran dhiubh, a reir coltais gus an latha ’n diugh a creidsinn gur h-e am baile ’s am bheil iad-féin a’ comhnuidh, teis-meadhon na Criosdachd, agus nach eil aite sam bith eile airidh air ni sam bith ach na chi Halifacs freagarrach a sheachnadh. Cha ’n eil e ’na ni annasach idir anns an dùthaich so daoine agus mnathan fhaicinn a tha air aois mhor a ruigheachd. Ach ’s ann glé ainneamh a gheibhear dithis ’san aon teaghlach a tha air a dhol fada seachad air an àireamh bhliadhnaichean a tha air òrdachadh do ’n mhor chuid dhe ’n chinne dhaonna. Tha dithis pheathraichean a’ còmhnuidh air an Eilean Fhada, ’s an t-siorrachd so, Oighrig agus Anna Nic-a-Phi, agus tha iad le cheile gle fhaisg air a’ cheud bliadhna. Tha Oighrig ceithir fichead us naodh bliadhn’ deug a dh’aois air an t-samhradh so, agus cha ’n eil Anna ach bliadhna na ’s òige na i. Tha iad le chéile gu slàn fallain ’nam bodhaig ’s ’nan inntinn, agus a’ deanamh an cuid dhe ’n churachd cho math ri dithis ’s an dùthaich. Tha Oighrig na deagh bhan-fhighiche, agus cha ’n eil deireadh-foghair no geamhradh nach eil i gu riaghailteach air a bheairt a figheadh clòth us drògaid nach eilear a deanamh na ’s fhearr an Ceap Breatunn. Gu ma fada beò iad le chéile! Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 350] [Vol. 9. No. 45. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 347). Gle Riaraichte Leis. Tha mise ’gabhail ’sa leughadh MHIC-TALLA, agus tha mi gle riaraichte leis. Gu ’n robh buaidh agus piseach air! D. I. MAC EACHAIRN. Port Hastings, C. B. O Bhodach na Gealaich. Gabh mo leithsgeul ’nuair a bheir mi dhut mo bheachd air MAC-TALLA: ’s e sin gur ann a ta e fàs anns gach buaidh mhath a bha air ann an tus a laithean; agus gur bochd an comharradh air mac Albannach a bhi ag iarraidh cron sam bith a dheanamh do dhaoine a tha deanamh saothair cho urramach ann an sealladh nan daoine aig am bheil breithneachadh agus gràdh do ’n Ghàilig. Gu ma fada beò thu agus ceò as do thigh. R. S. MAC LEOID. P. S.—Tha mo cheann maol agus abraidh iad air uairean “Bodach na Gealaich” rium. A Antigonish. ’S i barail Dhomhuill Mhic-Isaic, Loch an Fhuamhair, N. S., gu bheil MAC-TALLA cho math ’sa bha e, ach gu faodadh e bhi na b’ fhearr. Chòrdadh e gu math ris tuilleadh litrichean fhaicinn ann bho “Bhodachan a’ Ghàraidh,” “S. A. Mac Gille-mhaoil,” “Murchadh Cam,” “C. C.” agus iomadach fear eile. Cha ’n eil fhios nach faic ar luchd-leughaidh litir o Mhac-Isaic féin an ùine ghoird. Theid aige air Gàilig a sgriobhadh cuimseach math. A New York. Bu mhath le Aonghas Mac-Leoid, am baile-mor New York, pairt de dh’ eachdraidh nam fineachan Gàidhealach fhaicinn anns a MHAC-TALLA. Tha e dhe ’n bharail gum biodh sin gle thaitneach le roinn mhor de ’n luchd-leughaidh. Beachd ar Caraid “C. C.” A reir mo bheachd-sa tha MAC-TALLA a dol na ’s fhearr gach bliadhna. Tha ’m paipear ni ’s fearr, an clo-bhualadh ni ’s fearr, agus iomadh ni fior thaitneach aige ga thoirt dhuinn gach seachdain. Faodaidh nach ’eil litrichean taitneach cho lionmhor ann ’sa bha iad, ach tha e soilleir nach e e coire an fhir-dheasachaidh tha sin, ach coire an luchd-leughaidh. Coma co dhiu, tha mise gle riaraichte leis a MHAC-TALLA. C. C. Strathalba, E. P. I. Guth a Ceap Nor. A thaobh MHIC-TALLA ’s i mo bharail nach ’eil e air chor sam bith a’ dol air ais. Tha mi ’m barail gur fior thoigh leis a chuid a’s lionmhoire d’a luchd-gabhail gu ’m biodh litir á cearna air chor-eigin de ’n t-saoghal anns a MHAC-TALLA gach seachdain. Is ann mar sin a tha ’m beagan a tha ’n taobh so co-dhiu. Cha chreid mi o neach sam bith gu deachaidh no gu bheil MAC-TALLA a dol air ais. A guidhe soirbheachadh gu leor leis, Is mi, &c., M. D. A Gabarouse. Tha mise gabhail MHIC-TALLA, agus tha mi làn riaraichte leis. Bu mhath leam a bhi ’ga fhaighinn gach uair a thigeadh am posta. Tha mi toilichte gu bheil na h-uiread de luchd-gabhail aige, agus tha mi ’n dòchas gu ’m bi an àireamh a’ fàs gus am bithear ’ga ghabhail anns gach teaghlach Gàidhealach a tha ’n Canada. MAIRI E. NIC-GILLEAIN. Gabarouse, C. B. A Albany, N. Y. Tha am paipear a’ fàs na ’s fhearr fad na h-ùine, agus tha mi toilichte fhaicinn gu bheil a soirbheachadh leis cho math. A. R. DOMHNULLACH. Albany, N. Y. A Dailche, Ontario. Cha ’n ’eil e fior gu bheil MAC-TALLA ’dol air ais. Dh’ fhaodte nach ’eil na h-òrain a bhios ann air uaireannan cho math ’sa bhios ann air uaireannan eile, ach tha e doirbh sin a bhi air atharrachadh. Tha iad mar a thuirt ministear rium uair mu na searmoin: “Bidh cuid dhiubh math, ’s cuid dhiubh gle thioram, direach a reir a chinn-teagaisg ’s an fhir a bhios ’g an deanamh.” Cha bu chòir do Ghàidheal sam bith a bhi as aon ais MHIC-TALLA. Tha mi ’guidhe saoghal fada, soirbheachail dhut. D. U. MAC-GILLE-BHRATH. Dailché, Ont. O Alasdair Piobaire. Cha ’n ’eil mise ach ’nam choigreach do ’n MHAC-TALLA—cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n thòisich mi ri ghabhail—ach cha ’n urrainn mi fhaicinn gu bheil dad cearr air. Tha deagh sgeulachdan ann, deagh òrain, agus naigheachdan na seachdain air an innse gu pongail. Gu dé ’n còrr a tha dhith oirnn? Dh’ fhaoidte gu bheil cuid a smaoineachadh gu ’m bu chòir cnap òir a bhi air fhileadh a stigh ann nuair a ruigeadh e iad gach seachdain. Cha ghabhadh ni a b’ fhearr na MAC-TALLA toirt fo dhruim taighe anns am bheil Gàilig. Tha e math air son toirt air muinntir òg leughadh an cànain fein ionnsachadh. Bidh iad air son na naigheachdan a leughadh ann gach uair a thig e, agus le bhi toirt na h-oidheirp gu tric, ionnsaichidh iad a’ Ghàilig a leughadh gun strith sam bith. Bu chòir do gach teaghlach aig am bheil Gàilig a bhi gabhail a MHIC-TALLA. Gu ma fada beò e-féin agus a’ Ghàilig chòir, cànain ar sinnsirean! ALASDAIR PIOBAIRE. Pictou, N. S. (Ri leantuinn). AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON. Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boid each a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 351] [Vol. 9. No. 45. p. 7] Litir a Ceap Nor. GED nach ’eil an t-earrach fhathast seachad, tha barrachd de choltas an t-samhraidh air na h-achaidhean na ’s minic a bhiodh orra mu mheadhon a Mhàigh ’s na bliadhnaichean a dh’aom. Tha ’n acarsaid agus an cuan air a bhi saor o dheigh o chionn tri seachduinean; agus tha na Fitzgeralds agus na Burtonaich ag ullachadh an soithichean gu ’n cur ri fairge gu h-aithghearr. Tha Captain Ramsey a’ stri ri ’shoitheach ùr fhaotuinn air a’ criochrnchadh, ’s cha ’n fhada gus am bi e fein ’n an deigh. An sin, ’n uair bhios na ceithir soithichean so air fairge, agus a thoisicheas an soitheach-smuide Weymouth air ruith eadar Sidni agus an t-àite so, ’s coltach gu ’m faod sinn falbh no tighinn cho minic ’s a’s aill leinn. Air an t-sàmhradh s’ a chaidh bha slighe air fhosgladh do fhios dealanaich troimh shiorrachd Inbharnis cho fada near ri Rudha na Feòla, air chor ’s gu faodar fios a chur air falbh no fios fhaotuinn troimh gach taobh de Cheap Breatuinn. Mar so, ged tha sinn tuilleadh is ullamh air a bhi gearan, tha adhartas a tighinn air an duthaich ann an iomadh doigh. Cha ’n urrainn oigridh ar tir a thuigsinn mar shàraicheadh ar n-athraichean le easbhuidh rathaidean agus gach comhfhurtachd eile tha cho lionmhor againne. Bha aig a mheud dhiubh ’s a bha fuireach fad o ’n chladach ri bhi gu tric a’ giulan uallaichean troma troimh ’n choille air dhroch ceuman coise; agus eadhon an deigh do chuid dhiubh a bhi comasach air eich a bheathachadh bhiodh na seorsa rathaidean a bh’ ann cho làn de shlochdan puill ’s gur e fior obair na h-eiginn a bh’ ann faighinn idir trompa. Tha deadh chuimhne agam fein ’n uair nach robh e comasach cairt a thoirt as a so a dh’ ionnsuidh a chladaich, ged nach eil ach mu ochd mile ’s an astar. ’S cuimhne leam mar an ceudna gur e uidheam-ghiulan ris an canadh iad carn-slaoid, ’s a bha air a tharruing le each no damh, a bha daoine gu tric a cleachdadh ’n uair bhiodh a bheag aca ri tharruing o ’n dachaidh no d’ a h-ionnsuidh re an t-samhraidh. ’Nuair bha mi a’ m’ bhalachan cha robh ceannaiche idir an Ceap Nor. Dh’ fheumadh daoine dhol an dara cuid gu White Point no gu Bagh St. Lawrence air thòir ceannachd. A nis o chionn aireamh bhliadhnaichan tha triuir mharsantan ’s an àite. Tha carbadan cho lionmhor ’s gur ainmic teaghlach a tha as an eugmhais. Tha mar an ceudna uidheaman-spealaidh, &c., gle phailt ’n ar measg. Tha ceithir no coig muillean-sabhaidh ’s an aite, ach cha ’n eil cuid dhiubh ri sàbhadh ach uine gle ghoirid gach bliadhna. Faodar a bhi cinnteach gu bheil an sabh-mor air a chur air chùl gu buileach. ’S minic a bha sinn sgith dheth. Cha bu droch obair do dhithis dhaoine mu dhà cheud troidh a shabhadh leis an aon là. ’S ann an diugh a tha sinn a faicinn cho fad air ais ’s a bha sinn ’n uair bha sinn a cleachdadh ar neart agus ar n-ùine a sabaid ri fiodh leis an t-sabh-mhòr, agus cumhachd uisge gu leor cho pailt ’n ar measg.—Cha bhiodh e iomchuidh criochnachadh gun facal no dha a radh mu ar luchd-ceaird. Tha triuir ghoibhnean againn; agus air son shaor, ’s beag nach ’eil saor anns gach tigh, gu h-àraidh ’s a chearna so dhe ’n aite. Ged tha iomadh aon dhe na seann saoir air dol as an t-sealladh, tha daoin’ òga ag eirigh suas a ghnàth a tha nochdadh an teomachd le bhi ’n an saoir fein-iunnsaichte mu ’n gann a chluinnear iomradh orra. B’ ann le dithis dhiubh so a bha pairt de thaobh a stigh a mhansa air a leasachadh cho dòigheal o chionn ghoirid. M. D. April 30, 1901. Ceist. Bu mhath leam gu ’n innseadh sibh féin no aon de ’r leughadairean dhomh ciod a Ghàilig a tha air an ainm Gollam. Tha an duine d’ am buin e ag radh gur h-ainm Gàidhealach a tha ann, agus ma ’s e, feumaidh gu bheil Gàilig air. Cuiridh am fear no an té a bheir an t-ainm Gàilig dhomh comain mhor orm. D. G. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 352] [Vol. 9. No. 45. p. 8] Comhradh Eadar Nighean agus Gille. ISE. Co theid mar-rium do ’n taigh-fhaire? Co ni sùgradh leam ris a ghealaich? Oigfhir aoibheil a bhroillich sholuis, Thachair sinn anns a choille dharaich. Fàill il ó agus ho ro éile, Fàill il ó agus ho ro éile, Fàill il ó agus ho ro éile; Hoirinn ó is tu m’ anam ’s m’ eudail. ESAN. B’ fhearr leam fhìn na bó laoigh is gamhnach, ’S na tha chnodhan an déidh na samhna, Gum bithinn fhìn is mo chruinneag ghreannmhor ’M badan coille gun duine teann oirnn. ISE. B’ fhearr leam fhìn na coig fichead peighinn, ’S làn mo chròige de ’n òr a ’s buidhe, Gum bithinn fhìn agus gràdh mo chridhe ’N gleannan caoin ’s sinn air gaol a bruidhinn. ESAN. Nis a dhaoine tha Anna ’m ghlacaibh, Nighean fhaoilidh nan gruaidhe dathte; Gabhaibh Albainn is Eirinn ’s Sasunn, ’S leigibh leamsa leis na bheil agam. Taigh-tarlaidh nan Uaislean. Beir soraidh no dhà Gu taigh tàrlaidh nan uaislean; Far bheil an aon nighean, Is tri fir an luaidh rith’. O hug eile, o hi ri ri ri, O hi ri a hù, o hug eile no ha o ho ro. Far bheil an aon nighean, Is tri fir an luaidh rith’: Rob donn an fhuilt channaich, Caol mhala gun ghruaman; Is Alasdair fearail A’s ceanalta gluasad. Is Donnachadh an gallan, O bhaile nam fuaran. ’Roib, stad is bi céillidh, Is éisd ri mo dhuanaig. Mo chomhairle dhian dhuit, ’S mur fhiach i cuir bhuait i; Leig dhiot an te ghreannach, ’S glac bean a chùil dualaich. Te ’chumadh do léine, ’S bu cheutaiche dh’ fhuaigheadh; A dh’ éireadh ’sa mhaduinn ’S a ghlacadh a bhuarach. Te ’chumadh a teanga, ’S nach teannadh ri buaireas. ’S fearr bothan an t-sùgraidh Na lùchairt a bhruaillein. Iorram. ’S truagh nach robh mi, hu il ho ro, ’N riochd na h-eala, ho im o, No ’n riochd faoileig, hu il ho ro, Chrìn na mara, e cho ri no. No ’n riochd faoileig chrìn mara; Shnamhainn an caol ’s rachainn, thairis. Ruiginn air ball bheil am fear ud; M’ aighear, m’ éibhneas, ’s mo cheud leannan. Sioban nam beann a dol tharrainn, ’S deathach nan stùc ga ’r sior dhalladh. Banais an nochd ’sa Chìll Uachdraich; ’S nam bithinn ann dheanainn fuadach. Nam biodh te eil’ ann ’bhiodht’ a luaidh riut, Sgathainn bun is bàrr a cuailein. Dh’ éireadh mo shròn àird’ na stuadhach, ’S dh’ fhalbhadh m’ anail na ’ceò uaine. ’S cruaidh an sgeul an diugh a fhuair mi; Thug Clann-Nèill druim a chuain orr’. Chaidh iad fodha anns an fhuaradh; Luchd nan leadan troma, dualach. Luchd nan seol àrd ’s nan long luaineach; Fir nach meathadh ri uchd cruadail. Taigh-an-Droma. Rannan le dròbhair a bha diombach airson na bha aige ri ’phaigheadh an Taigh-an-Droma. LUINNEAG. ’S i mo dhùthaich ’tha ’tigh’nn air m’ aire, ’S i mo dhùthaich ’tha ’tigh’nn air m’ aire, ’S i mo dhùthaich ’tha ’tigh’nn air m’ aire, An t-Eilein Muileach ’tha lùrach, beannach. Taigh-an-Droma gun dean mi ’fhàgail, ’S cha bu chruaidh leam e bhith na fhàsach; Fhuair mi feoil ann ’s cha ghearradh sàbh i, ’S cha dugadh m’ fhiaclan mir as a chàise. Nuair a chaidh mi staigh do ’n t-seombar, Bha na trinnseirean ann an òrdagh, Is bha brot ann gun ghràine feola; ’S air leam fhìn gum bu phris dha gròta. Nuair a chaidh air gairm gu cùnntas Cha robh agam bonn airgid mùthaidh; Thug mi not dh’i ’s bu mhor mo shùil innt’, ’S cha do thill thugam ach aon chrùn d’i. ’S e ’n t-Eilein Muileach an t-Eilein aghmhor, An t-Eilein ciatach mu ’n iadh an sàile; ’S beag an t-ionghnadh gach ni a dh’ fhàs ann, Gheibhteadh biadh ann ’s cha ’n iarrteadh pàigheadh. Cha robh na tuiltean mora a bha anns na Staidean cho millteach ’sa bha eagal air daoine bhitheadh iad. Thraoigh na h-uisgeachan mu ’n d’ rainig iad neart mor, agus mar sin tha an call moran na ’s lugha na bha choltas orra aon uair a dheanadh iad. Bha àireamh mhor de na h-eich a bha an Riaghladh Breatunnach a’ ceannach anns na Staidean a’ bàsachadh air an turus-cuain eadar New Orleans agus Cape Town. Thatar a nis air fhaotainn a mach gu robh càirdean aig na Boerich ann an New Orleans a bha sgaoileadh thinneasan marbhteach am measg nan each mu ’n rachadh an cur air bòrd nan soithichean, agus ’se sin a bha ’g aobharachadh na h-uiread dhiubh a bhi bàsachadh. An deigh so, cha bhi cothrom air a thoirt do na daoine aingidh sin an ais-innleachdan an-iochdmhor a chur an gniomh, oir thatar a deanamh gach faiceall air gach duine chumail o dhol rathad nan each ach iadsan a bhios a frithealadh orra, ’sa bhios a dol ’nan cois thar a chuain. AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 353] [Vol. 9. No. 46. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 17, 1901. No. 46. Sgriobhadair Ur. MO BHALACH GASDA:—Tha mi ’cur facal no dhà g’ ad’ ionnsuidh a dh’ innseadh dhut gu ’m bheil sgriobhadair ùr agam air fhaotainn dhut. Is e “Mac Uisdean” is ainm dha. Tha e dol a chur puirst a bial ugad an dràsta ’s a rithist, sin ri ràdh, ma chordas iad riut fhein agus ri do luchd-leughaidh. Gheibh thu a’ cheud litir uaithe comhladh ris an duilleig so. Tha e sgriobhadh ugad á “Dun ’ic Uisdein.” Mur ’eil mise air mo mhealladh, bidh e sgrìobhadh ugad gu math tric gu cionn bliadhna no dha ma bhios e beò, slàn. Is mi do charaid IAIN. Sniodhasart, An t-Eilean Sgiathanach, 18, 4, 1901. Litir a Dun ’ic Uisdean. FHIR A’ PHAIPEAR:—Ma bha no nach robh fhios agad air, bha mise a’ leughadh a’ MHIC-TALLA o chionn sheachd bliadhna. Thuirt mi rium fhin an latha roimhe nach robh e ceart dhomh a bhith gabhail naigheachdan taitneach uatsa o àm gu àm, agus gun a bhith ’cur aon naigheachd g’ ad ionnsuidh as an Dun. An uair a bha mise ’nam dhuin’ òg, bhiodh gillean òga gu math tric a’ cruinneachadh air cheilidh do thaigh a’ ghreusaiche, agus bhiodh fear ma seach dhe na bhiodh air chéilidh a’ gabhail sgeulachd. Am fear aig nach biodh sgeulachd, ghabhteadh òran uaithe. Agus bu ghlé ainneamh a gheibhteadh fear anns an àm ud aig nach robh sgeulachd, no òran, no porst a bial. Bha na puirst a bial gu math cumanta anns an àm ud. Cha robh athair no màthair a b’ aithne dhomhsa nach biodh a’ gabhail phorst a bial do ’n chloinn an uair a bhiodh iad ag altrumas. Is minic a chunnaic mi clann òg a’ dannsadh air an ùrlar, agus am màthair a’ gabhail phorst dhaibh. Ach tha ’n cleachdadh so air a dhol as an t-sealladh ann an tomhas mòr, agus air an aobhar sin, tha na puirst a bial air thuar a dhol air dichuimhn. Cha bu mhath leam fhin, air a h-aon, gu ’n leigteadh air dichuimhn na chuala mi dhe na puirst a bial, agus, air an aobhar sin, tha mi suidhichte gu ’n cuir mi g’ ad’ ionnsuidh a h-uile fear a tha air chuimhn agam dhiubh. Cha ’n ’eil mi ro chinnteach am bheil a h-aon dhiubh slàn agam; ach cuiridh mi ugad na blaighean a th’ agam dhiubh. Cha ’n ’eil mi cho eòlach air ceòl ’s gu ’n teid agam air fonn a’ chiùil a bha air na puirst a sgriobhadh. Agus ged a rachadh agam air ceòl a sgriobhadh, is dòcha nach biodh e a chum mòran feuma dhut. Ach ainmichidh mi na puirst a tha freagarrach air na briathran, ma ’s aithne dhomh iad. Cha ’n ’eil mi gealltainn gu ’n sgriobh mi ugad a h-uile seachdain. Cha ’n ’eil e aon chuid glic no ceart do dhaoine bhith ’gealltainn obair a dheanamh, mur ’eil iad cinnteach gu ’n teid aca air a dheanamh. Is iomadh rud a dh’ fhaodas tighinn ann an rathad dhaoine air nach ’eil fhios aca; agus, air an aobhar sin, is e an gliocas gun a bhith tuilleadh is deas gus obair a ghabhail as laimh nach urrainn daibh a dheanamh. Thuirt mi mar tha nach bu mhath leam gu ’n rachadh na puirst a bial gu buileach air dichuimhn; agus tha mi ’n dòchas gu ’n toir fear is fear dhe na seana Ghaidheil chòire a tha ann an Canada, agus aig am bheil toil a bhith ’cumail seana chleachdaidhean neo-lochdach air chuimhne, lamh chuideachaidh dhomh. Cha ’n ’eil agam ach blaighean dhe na puirst, agus faodaidh e bhith gu ’m bheil na blaighean a tha ’g am dhith-sa aig iomadh fear ann an America, no ann an cearn eile dhe ’n t-saoghal. Agus na blaighean a th’ agam, is docha nach ’eil iad ceart agam. Ach gheibh thusa na blaighean, agus dean do rogha feum dhiubh. A bhalaich ort! an uair a bha mise ’nam Dhonnachadh òg, chuala mi na ficheadan dhe na puirst a bial. Bha leith sheana bhoirionnach, a bha ’g ràdh gu ’n robh càirdeas fad as aice ri mo mhàthair, a’ tighinn do ’n taigh againn an ceann a h-uile dà bhliadhna, agus o’n a bha i anabarrach math gu sniomh bha i ’fuireach anns an taigh againn, mar bu trice, fad thri miosan. Cha robh crioch air na bha de phuirst a bial aice, agus an uair a gheibheadh i cupa math làidir tì o m’ mhàthair, ghabhadh i puirst a bial cho math ri aon a chuala mi riamh. An uair a shuidheadh i aig a’ chuibhil, cha rachadh dùnadh air a bial ach a’ gabhail phòrst is òran. B’ ann de ghnàth-mhuinntir Uidhist mu thuath a bha i, agus b’ iad na puirst a bial a rinneadh ann an Uidhist bu trice leatha bhith ’gabhail. Cha b’e mhàin gu ’n gabhadh i na puirst anabarrach math, ach bu tric leatha beagan fiosrachaidh a thoirt seachad mu dheidhinn nan daoine do ’n d’ rinneadh na puirst, agus mu ’n aobhar air son an d’ rinneadh iad. Innsidh mise dhut na tha air chuimhne agam dhe na bha i ag innseadh mu dheidhinn nam porst. Tha dlùth air leith cheud bliadhna o’n a chuala mise guth “Mairi Homhstadh” mu dheireadh, agus o’n a tha mo chuimhne air a dhol air ais gu mòr, cha ’n ’eil air chuimhn’ agam an diugh ach beagan dhe na puirst a bha i ’gabhail, agus dhe na naigheachdan a bha i ag innseadh mu ’n deidhinn. Is gann a tha fhios agam c’ àite an tòisich mi; ach feumaidh mi tòiseachadh an àiteiginn, ma thòisicheas mi idir. Tha e cho math dhomh, tha mi ’smaointean, tòiseachadh aig a’ phorst a rinneadh do thé ris an cainte “Nighean an Fhidhlear”:— Ribinnean riomhach Nighean an fhidhlear, Cota demiti, bedagun calico; Ribinnean riomhach Nighean an fhidhlear, Còta sìod’ air Màiri: Brògan àrda, Cleòca sgàrlaid, Còta demiti, beadagun calico; Brògan àrda, Cleòca sgàrlaid, Ribinnean riomhach Màiri. Tha ùin’ fhada o’n a rinneadh am porst so. Agus faodar a bhith cinnteach gu ’n robh tuilleadh ann. Bha “Nighean an Fhidhlear” gu math spaideil. Cha ’n ’eil fhios nach ann a’ magadh oirre a bha am fear a rinn am porst. Ged a bhiodh “Nighean an Fhidhleir” ’na nighean fir baile, dh’ fhoghnadh dhi a bhith cho riomhach éideadh ’s a tha ’m porst ag ràdh. Is ann a tha ’m porst coltach ri porst a dheanteadh air a’ bhliadhna so fhein. Ann an gùn, tha com is iochdar. Theirteadh còta ris an iochdar ris nach biodh com ceangailte. Ach an diugh theirear skirt ris a’ chòta, agus blouse ris a’ bhedagun. A nis chì sinn gu ’n robh cuid dhe na nigheannan a bh’ ann o chionn a tri no ceithir a dh’ fhicheadan bliadhna a cheart cho spaideil agus cho fasanta ris na nigheanan air am bheil sinn eòlach an diugh. Ach tha ’n t-atharrachadh so eatorra: b’ ann geal a bha ’n “còta demiti.” B’ e aodach cotain a bh’ ann. Bha fighe chraobhach air, agus shealladh e glé bhòidheach. An diugh tha am blouse air a dheanamh de dh’ aodach tana, soilleir coltach ri calico; ach tha ’n còta, no, mar a theirear an diugh, an skirt, an comhnuidh air a dheanamh de dh’ aodach dathte. Tha cuid a’ cumail am mach gur e bòtunnan a th’ air a chiallachadh le “brògan àrda.” Chuala mi gu tric seann daoine a’ bruidhinn air brògan àrda agus brògan iosal, agus mur ’eil mi air mo mhealladh ’nam bharail, is iad na brògan àrda, na brògan ris an canadh daoine, na brògan Gallda, sin ri ràdh, na brògan a bhiodh air an deanamh de leathar Gallda; oir bhiodh sàilean air na brògan so na b’ àirde na bhiodh air na brògan iosal Gàidhealach a dheanteadh air an leathar Ghàidhealach. A nis, shealladh “Nighean an Fhidhlear” gle spaideil anns an éideadh a th’ air ainmeachadh anns a’ phorst. Ma shaoileas tu gu ’m bheil na duilleagan so airidh air àite fhaotainn anns a’ MHAC-TALLA, cuiridh tu ann iad. Ach mur ’eil iad airidh air an urram so, faodaidh tu a’ phiob a lasadh leotha. Sgriobhaidh mi fhathast g’ ad ionnsuidh, ma ’s urrainn mi, mu ’n d’ thig Latha Seana Bhealltainn. MAC UISDEAN. 18, 4, 1901. O Chionn Tri Fichead Bliadhna. Le Iain. CAIB. XXIV. “THOIR CUNNTAS AS DO STIUBHARTACHD.” MU dheireadh labhair an t-Uachdaran, agus thuirt e, “Dh’ innseadh dhomhsa, o chionn ghòirid, le urra no dhà, a tha, a réir mo bharail-sa, glé fhìrinneach, gu ’n d’ rinneadh iomadh atharrachadh air an oighreachd fhad ’s a bha mi air falbh, agus gu ’m bheil àireamh mhòr dhe ’n tuath glé mhi-thoilichte leis an dòigh anns an d’ rinneadh na h-atharraichean so. Ach cha bu mhath leam breith a thoirt anns a’ chùis so, no ann an cùis sam bith eile, gus an cluinn mi araon ciod a th’ aig a’ mhaor ’s aig a’ bhaillidh ri radh, agus mar an ceudna, ciod a th’ aig an tuath ri [TD 354] [Vol. 9. No. 46. p. 2] radh. Cha ’n urrainn neach sam bith breith cheart no chothromach a thoirt air cùis gus an cluinn e an dà thaobh an toiseach. “Innsibh dhomhsa, fhear,” ars’ esan ’s e tionndadh ris a’ mhaor ’s ris a’ bhàillidh, “c’ ar son a ghabh sibh os laimh iomadh atharrachadh a dheanamh air suidheachadh na tuatha gun mise fhaighneachd?” An uair a thuirt e so dh’ aithnicheadh neach sam bith air a ghnùis gu ’n robh corruich gu leòr air an inntinn aige, ged a bha e ’feuchainn ri cumail air fhein cho math ’s a b’ urrainn e. Sheall am maor ’s am baillidh air a cheile, mar gu ’m biodh an darna fear toileach a radh ris an fhear eile, “Bruidhinn thusa an toiseach.” Ach o ’n a b’ e am baillidh a b’ àirde dreuchd thuig e gur ann aige a bha còir air bruidhinn an toiseach. Dh’ eirich e ’na sheasamh, agus thuirt e gu ’n robh gach atharrachadh a rinneadh, a réir a bharail-san, cho cheart agus cho cothromach ’sa ghabhadh deanamh, agus gu ’m faodadh duine sam bith a thuigsinn gu ’m biodh cuid de dhaoine an aghaidh atharrachadh sam bith a deanamh air an suidheachadh, eadhoin ged a bhiodh fios aca gur ann a chum an leas a bha ’n t-atharrachadh air a dheanamh. Agus ma rinneadh atharrachadh sam bith nach robh ceart no cothromach, nach b’ ann le ’fhiosrachadh-san a rinneadh e. Thuirt e mar an ceudna gu ’n robh e furasda gu leòr a thuigsinn nach b’ urrainn dàsan a bhith mion-eòlach air ciod a b’ fhearr a fhreagradh air suidheachadh na tuatha, o ’n nach robh e ach ùine ghoirid ’nam measg a h-uile bliadhna; agus, mar a bha nadarra gu leòr, gu ’n robh e ag iarraidh agus a’ gabhail comhairle a’ mhaoir, o’n a bha e ’n comhnuidh am measg na tuatha, agus fios aige air ciod a b’ fhearr a fhreagradh orra. Fhreagair am maor an déigh dha eirigh ’na sheasamh, agus coltas air gu ’n robh inntinn gu mòr troimh a cheile, agus thuirt e nach biodh e feumail gu ’n abradh e mòran aig an àm. Ach b’ e a bharail gu ’n robh gach atharrachadh a rinneadh feumail, agus cho ceart ’s cho cothromach s’ a ghabhadh deanamh. Agus o’n a bha e ’faicinn nach robh iad ag oibreachadh an cuid fearainn cho math ’s a dh’ fhaodadh iad, gu ’n do bhuail e anns an inntinn aige gu ’m biodh e pailt cho math pairt dhe ’n fhearann a thoirt do dhaoine a dh’ oibricheadh gu math e. Is e so brìgh na labhair am maor ’s am baillidh. Cha ’n ’eil teagamh nach rachadh aca air mòran eile a labhairt mur b’e gu ’n robh an earran mhòr de thuath na dùthchadh an làthair. Bha ’n cridhe ’s an inntinn ag innseadh dhaibh gu ’n robh iad ciontach, agus b’ fhearr leotha gun an corr a ràdh na bhith gu follaiseach air am breugnachadh. An sin labhair an t-Uachdaran, agus thuirt e, “Chuala sinn a nis na bh’ aig an luchd-dreuchd ri ràdh mu dheidhinn nan atharrachaidhean a rinneadh fhad ’s a bha mise air falbh, agus mu ’n urrainn dhomhsa breith chothromach a thoirt air cùisean, feumaidh mi beachd na tuatha a chluinntinn. Eireadh fear dhibh agus innseadh e gu saor, soilleir a bharail air gach ni a rinneadh—innseadh e an fhìrinn ghlan. Oir am fear a dh’ innseas an fhìrinn cha ruig e leas eagal a bhith air a ghuth a thogail an àite sam bith. Ma tha dad dhe’n choire ri chur ormsa, biodh sin air innseadh, agus tha mi ’toirt m’ fhacail dhuibh nach deanar dioghaltas sam bith air aon neach a dh’ innseas dhomhsa ann an clàr an aodain gu ’n d’ rinn mi dearmad air mo dhleasdanas mar Uachdaran. Is fhearr leam gu mòr mo lochdan innseadh dhomh ann an clàr an aodain na bhith ’g an aithris air chùl mo chinn. Ged a labhair an t-Uachdaran na briathran so, cha robh fear seach fear dhe ’n tuath toileach, a réir choltais, éirigh ’na sheasamh agus ’inntinn a leigeadh ris gu saor, soilleir mar a bha an t-Uachdaran ag iarraidh. Cha b’e eagal a bh’ orra nach b’ urrainn daibh an fhìrinn innseadh, ach cha robh iad cleachdadh ri bhith ’labhairt mòran ann an làthair dhaoine a b’airde suidheachadh na iad fhein; agus air an aobhar sin bha faiteachas orra an guth a thogail ’na leithid sid a dh’ àite. Mu dheireadh an uair a chunnaic an t-Uachdaran nach robh fear sam bith dhe ’n tuath ag éirigh gu labhairt mu ’n ghnothach air son an robh iad uile cruinn anns an t-seomar, thuirt e, “Fheara, cha ’n ’eil feum sam bith dhuibh a bhith ’n ’ur suidhe an sin ag amharc an aghaidhean a cheile. Eireadh fear dhibh anns a’ mhionaid, agus thugadh e dhuinn a bharail air an obair a bha am maor ’s am baillidh a’ deanamh air an oighreachd fhad ’s a bha mise air falbh.” Mu dheireadh dh’ éirich seann duine dhe na bh’ anns an t-seomar, agus thuirt e, “Le ’r cead, Fhir Aird-Shannta, na ’n robh fhios againn c ’ar son a chuir sibh fios oirnn, is docha gu ’n robh sinn air duine freagarrach a thaghadh gus bruidhinn air ar son. Ach o’n a tha mise air aon dhe na dhaoine cho sean ’s a tha measg na tuatha, is docha gur ann dhomh is freagarraiche labhairt aig an àm so. “Gus an fhìrinn ghlàn, o’n is i a sheasas, innseadh dhuibh, cha ’n aithne dhomhsa duine air an oighreachd, saor o na daoine do ’n do nochd am maor ’s am baillidh fabhar, a tha riaraichte leis an obair a rinn iad. An uair a thainig sibh fein thun na h-oighreachd, thuirt sibh—agus saoilidh mi nach do leig sibh air dichuimhn fhathast e—nach tugteadh uainn ri ar beò ploc dhe ’n fhearann a bheireamaid a steach gu fearann àitich dhe ’n mhòintich bhuig, fhluich a bh’ air braighe nam bailtean againn. Chreid sinn a h-uile facal a thubhairt sibh, agus, o chionn àireamh mhath bhliadhnachan, bha sinn gu saoithreachail ag obair fad a’ gheamhraidh ’san earraich air deanamh buntata-taomaidh ann an talamh a tha corr is tri mile o’n chladach. Bha sinn an toiseach a’ tarruinn na feamann tri mile air astar, agus na dheigh sin ’g a cur air ar muin leis na cleibh a dh’ ionnsuidh an àite anns an robh sinn a’ deanamh a’ bhuntata. Mar a dh’ fhaodas fios a bhith agaibh, cha deanadh leasachabh sam bith feum ach an fheamainn. An ath bhliadhna bha sinn a’ cur corca ann am mathachadh a’ bhuntata. Agus air an dòigh so bha àireamh mhath acraichean air an toirt a bhliadhna gu bliadhna gu fearann feuraich, a bha glé fheumail do thuath nam bailtean gu léir. Ach thugadh uainn am fearann so a shaothraich sinn gu goirt. Agus b’iomadh latha fliuch, fuar a bha sinn fhin agus ar teaghlaichean ’g a shaoithreachadh. Tha e nis aig cairdean ’s aig cleimhnean a’ mhaoir—daoine leasga, lunndach nach do shaothraich ploc riamh dheth. A bharrachd air so, thugadh uainn a’ chuid a b’ fhearr dhe’n mhachair a bh’ againn, far am b’ àbhaist dhuinn a bhith ’cur cuid mhòr dhe ar cuid buntata ’s eòrna. Tha mise an diugh, agus mo cheann air liathadh, gun phloc fearainn, ged a bha mi gus o chionn bliadhna air an làthrach air an robh m’ athair ’s mo sheanair. Agus ma sheallas sibhse ann an leabhraichean a’ mhail, chi sibh gu ’n robh mise agus m’ athair ’s mo sheanair a’ paigheadh ar cuid màil cho riaghailteach ris a’ chuid eile dhe ’n tuath. Dh’ fhaodainn tuilleadh a radh ach foghnaidh na thubhairt mi gus a leigeadh ris dhuibh nach ’eil riaghladh na h-oighreachd cho math ’s bu chòir dha bhith.” An uair a thuirt e so, shuidh e. Dh’ iarr an t-Uachdaran an sin air feadhainn eile dhe na daoine éirigh gus am barail a thoirt air a’ chùis o nach robh toil aige an luchd-riaghlaidh a dhìteadh gun barrachd air barail aon fhianuis a chluinntinn. Dh’ eirich triùir no ceathrar an deigh a cheile, agus ann am beagan fhacal leig iad ris do ’n Uachdaran gu ’n robh na labhair an seann duine fìor gu leòr. ’Nan deigh so dh’ éirich fear eile dhe ’n tuath ’na sheasamh, agus thuirt e gu ’n robh aon ghnothach eucorach eile ann a dh’ fheumteadh ainmeachadh, agus gu ’m b’e sin, an dòigh anns an robh na h-aodaichean a chuireadh a dh’ ionnsuidh nam bochd air an roinn. Thuirt e gu ’n robh a’ chuid a b’ fhearr dhe na h-aodaichean air an toirt do dhaoine nach robh aon chuid bochd no feumach, agus nach d’ fhuair na daoine bochda a bha feumach air aodach laidhe agus eirigh ach a’ chuid bu mheasa dheth. An uair a chual an t-Uachdaran so bha e anabarrach mi-thoilichte. Thuirt e gu ’m biodh am fearann air a thoirt air ais do na daoine o ’n tugadh e mar a bha e roimhe, agus, fhad ’s bu bheò e nach fhaigheadh an luchd-riaghlaidh a bhiodh fo ’laimh cead aon atharrachadh a dheanamh air suidheachadh na tuatha gun a làn-aonta-san. Dh’ iarr e air an tuath a dhol am mach car beagan ùine gus an cuirteadh biadh an ordugh dhaibh anns an t-seomar. Rinn iad so. Agus an uair a thill iad a steach ’s a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh ’s dhe ’n deoch a chuireadh air am beulaobh, dh’ fhalbh iad dhachaidh. Gun dail thugadh a’ mhaoirneachd o ’n mhaor; ach dh’ fhagadh am fearann aige. Fhuair na daoine o ’n tugadh am fearann an cuid fearainn air ais, agus thugadh an tuilleadh misnich dhaibh gus na b’ urrainn daibh dhe ’n mhòintich a thoirt gu fearann àitich. Chuir am baillidh uaithe a’ bhailleachd an lath’ ud fhéin; oir bha e air a thamailteachadh a chionn gu ’n do chreid an t-Uachdaran an tuath air thoiseach air fhein ’s air a’ mhaor. Shuidhicheadh maor is baillidh eile ’nan àite, agus bha gach ni a bhuineadh do riaghladh na h-oighreachd air a dheanamh gu glic agus gu cothromach a reir ordugh an Uachdarain. Bha sìth is soirbheachadh am measg na tuatha nach robh ann fad àireamh bhliadhnachan roimhe sid. An ceann bliadhna no dhà dh’ fhalbh am maor agus na bha gun phòsadh dhe chuid nighean as an àite; oir bha ceann sìos aig an tuath orra a chionn mar a thachair. Sgap a chuid nighean anns gach àite. Bha e fhein aig deireadh a laithean lom, falamh. Tha e air aithris nach robh ach gann dhe’n aodach-laidhe air an leabaidh aige na chumadh blàth e an uair a bha e air leabaidh a’ bhàis. Cho fad ’s is fiosrach daoine, cha robh soirbheachadh aig a chuid cloinne, no idir aig a chuid oghachan. “An ti a shàruicheas am bochd a mheudachadh a mhaoin fein, agus an ti a bheir do ’n t-saoibhir, thig e gu deimhin gu uireasbhuidh.”—Gnath-fhocail xxii, 16. (A’ chrioch). Is coma leam an rud nach toigh leam, eireagan a’ dol ’n an coilich. Is còir comhairle fhir-an-taighe a ghabhail. [TD 355] [Vol. 9. No. 46. p. 3] Sgeulachdan Arabianach. PRIONNS’ ALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH. CAIB. I. BHA righ aon uair ann am Balsora a bha anabarrach beairteach, agus bha tlachd mor aig sluagh na rioghachd gu leir dha. Cha robh duine cloinne aige, agus chuir so doilghios mor air. Air an aobhar sin thug e seachad tiodhlacan mora do na h-uile duine diadhaidh a bh’ anns an rioghachd aige, a chum gu ’m biodh iad a guidhe ri Dia gu ’n tugadh e mac dha. Fhuair an urnuighean eisdeachd, agus ann an am rugadh mac dha, agus thugadh Alasnam mar ainm air. Thug an righ ordugh do gach reuladair a bh’ anns an rioghachd iad a chruinneachadh comhladh, agus fios a thoirt dha ciod a bha gu tachairt d’ a mhac. An uair a ghabh iad beachd air na reultan, agus a chuir iad an cinn ri cheile, fhuair iad am mach gu ’m biodh mac an righ fada beo, gu ’m biodh e ’na dhuine treun, ach gu ’m biodh a mhisneach agus a threuntas beag gu leor gus a thoirt troimh gach cruaidh-fhortan a bha air thuar tighinn ’na rathad. Cha do chuir an fhaisneachd so mi-mhisneach mhor sam bith air an righ. “Cha ’n ’eil aobhar againn air truas a ghabhail ri mo mhac,” ars’ esan, “o ’n a bhios e ’na dhuine treun: tha e iomchuidh gu ’m biodh fios aig prionnsachan ciod a th’ ann an cruaidh-fhortan; oir that amhghair a’ cur dearbhadh air treuntas agus subhailcean phrionnsachan, agus tha iad mar sin air an deanamh na ’s freagarraiche gus a bhith riaghladh os cionn sluaigh.” Thug e duais do na reuladairean, agus leig e air falbh iad. Thug e fa near gu ’m faigheadh a mhac foghlum cho ard ’s a b’ urrainn a bhith, agus fhuaradh luchd-foghlum dha cho luath ’s a bha e comasach air foghlum a thogail. An uair a thuig an righ gu ’n robh e fhein ann an galair a bhais, chuir e fios air a mhac gus a chomhairleachadh. Am measg gach comhairle eile thug e air, chomhairlich e dha caoimhneas an t-sluaigh a chosnadh, cha ’n ann le eagal a bhith orra roimhe, ach le gradh a bhith aca dha; gun chluas a thoirt do na daoine a bhiodh a’ brosgal ris; gun chabhag a bhith air an am a bhith ’smachdachadh na muinntir a dheanadh cionta, do bhrigh gu ’m bheil righrean gu tric, air dhaibh a bhith air am mealladh le nithean a tha coltach ris an fhirinn, a nochdadh iomadh fabhar do na h-aingidh, agus a’ deanamh foirneart air na daoine a tha neo-chiontach. Cho luath ’s a dh’ eug an righ, chuir prionns’ Alasnam eideadh-bron uime. Bha e seachd latha anns an eideadh so, agus air an ochdamh latha shuidh e air an righ-chathair. Thug e an seula a chuir ’athair air an taigh-ionmhais dheth, agus chuir e a sheula fhein air. Thoisich e mar so ri gabhail tlachd ’na dhoigh-riaghlaidh fhein, agus ri bhith gabhail toil-inntinn ann a bhith ’faicinn maithean na rioghachd a’ cromadh sios ’na lathair. A dh’ aon fhacal, bha tuilleadh ’s a’ choir de thlachd aige ann a bhith ’riaghladh. Agus am feadh ’s a bha e ’gabhail suim gu leor dhe gach dleasdanas a bha ’n sluagh fo fhiachaibh a dheanamh dha mar an righ, cha robh e ’gabhail suim sam bith dhe ’n dleasdanas a bha aige fhein mar righ ri dheanamh do’n t-sluagh. Chaidh e gu buileach gu truaillidheachd agus gu anamiannan comhladh ri companaich thruaillidh a bha mu ’n aon aois ris fhein, agus a shuidhich e anns gach dreuchd a b’airde na cheile a bh’anns an rioghachd. Cha robh stamhnadh sam bith aige ’ga chumail air fhein. Agus o ’n a bha e gu nadarra sgaireapach, chosg e gu buileach a chuid de ’n t-saoghal ann an uine gle ghoirid. Bha ’mhathair ’na boirionnach glic, crionna. Dh’ fheuch i iomadh uair ri stad a chur air an truaillidheachd agus air an sgaireap leis an robh esan a’ milleadh a chliu agus a chodach. Bha i ’feuchainn ri thoirt air a thuigsinn, mur grad sguireadh e dhe ’n obair a bh’ aige, gu ’n caitheadh e a chuid dhe ’n t-saoghal, agus gu ’n tionndadh an sluagh ’na aghaidh air a cheann mu dheireadh, agus gu’n cailleadh e an rioghachd, agus, ma dh’ fhaoidteadh, a bheatha. Cha mhor nach do thachair mar a thubhairt i. Thoisich an sluagh ri gearain air an doigh anns an robh iad air an riaghladh, agus bha iad air ar-am-mach a dheanamh gun teagamh sam bith, mur b’ e gu ’n do chuir a mhathair stad air cuisean. Thuig i gu math mar a bha cuisean air thuar a bhith, agus an uair a shoilleirich i dha mar a bha cuisean, ghabh e a’ chomhairle a thug i air. Thug e, air an aobhar sin, riaghladh na rioghachd o na daoine oga, agus shuidhich e seann daoine glice, tuigseach ’nan aite. Agus bha na daoine so comasach air riaghladh ceart a shuidheachadh am measg an t-sluaigh, agus air an cumail ’nan aite fhein. An uair a chunnaic Alasnam gu ’n d’ rinn e ana-caitheamh air a mhaoin, bha aithreachas gu leor air. Thuit a chridhe, agus bha e fo ’leithid de bhron ’s de lionn-dubh ’s nach robh doigh air a thoileachadh. Air oidhche araidh chunnaic e as a chadal seann duine air an robh coltas ciuin, tlachdar a’ tighinn far an robh e. Thuirt an seann duine ris, agus fiamh gaire air a ghnuis, “Biodh fhios agad, Alasnaim, gu ’n tig sonas an deigh gach mi-fhortain. Ma tha toil agad gu ’n tigeadh do dhoilghios gu crich, eirich, agus bi grad fhalbh gu ruige ceanna-bhaile na h-Eiphit, far am bheil fortan mor a’ feitheamh ort.” An uair a dh’ eirich e anns a’ mhadainn, bha ’n aisling so ur gu leor air an inntinn aige. Dh’ innis e dh’ a mhathair mar thuirt an seann duine ris. Thainig fiamh gaire air a gnuis, agus thuirt i ris, “A mhic, an rachadh tu fhein a nis do ’n Eiphit a chionn gu ’m fac’ thu an aisling ud?” “C’ ar son nach rachadh, a mhathair?” ars’ esan. “Am bheil sibh a’ smaointean gu ’m bheil na h-aislingean gu leir gun bhrigh sam bith? Tha seadh ann an cuid dhiubh gun teagamh sam bith. Dh’ innis an fheadhain a bha ’gam theagasg iomadh naigheachd dhomh mu dheidhinn aislingean, agus tha mi creidsinn gu ’n tig cuid dhiubh gu teach gun teagamh sam bith. A bharrachd air so, cha ’n urrainn mi gun chreideas a thoirt do ’n aisling a chunnaic mi. Bha coltas air an t-seann duine aosda, urramach a chunnaic mi as mo chadal mach buineadh e do ’n t-saoghal so idir. Cha b’ ann coltach ri daoine aosda, urramach an t-saoghail so a bha e. A dh’ aon fhacal, bha a choltas a’ cur ’nam chuimhne na chuala mi mu dheidhinn ar faidh mor; agus ma ’s aill leibh mo bharail fhaotainn mu ’n chuis, tha mi ’creidsinn gur e am faidh a bh’ ann, agus, o ’n a bha truas aige rium, gu ’n d’ thainig e far an robh mi gus cuideachadh a thoirt dhomh. Tha mi ’leigeadh mo thaic air an dochas a dhuisg e ’nam chridhe, agus air na gheall e dhomh, agus tha mi suidhichte gu ’n dean mi mar a chomhairlich e dhomh.” Dh’ fheuch a mhathair ri thoirt air na smaointeanan so a leigeadh as a cheann, ach dh’ fhairtlich oirre. Dh’ fhag e riaghladh na rioghachd an earbsa rithe, agus air an oidhche sin fhein dh’ fhalbh e as an luchairt gun duine ach e fhein gus a dhol gu ruige Cairo. An deigh moran sgios agus uidil fhulang, rainig e am baile mor, ainmeil so mu dheireadh; agus b’ ainneamh baile a bha cho mor ’s cho briagha ris. Thainig e air 1ar aig dorus aon de na h-eaglaisean mora a bh’ anns a’ bhaile, agus o ’n a bha e anabarrach sgith leig e e-fhein ’na shineadh far an robh e, agus thuit e gu trom ’na chadal. Cha robh e fada ’na chadal an uair a chunnaic e an seann duine, a chunnaic e roimhe as a chadal, a’ tighinn far an robh e, agus ag radh ris, “Is math leam d’ fhaicinn, a mhic; chreid thu na briathran a labhair mi riut. Thainig tu an so a dh’ aindeoin cho fada agus cho doirbh ’s gu ’n robh an t-astar. Ach biodh fhios agad gur ann gus deuchainn a chur ort a dh’ iarr mi ort tighinn air an astar fhada so. Tha mi ’faicinn gu ’m bheil misneach mhath agad, agus gu ’n dean thu an rud a chuireas tu romhad a dheanamh. Is airidh thu air gu ’n deanainn cho saoibhir agus cho sona thu ri righ a th’ air an t-saoghal. Till gu ruige Balsora, agus gheibh thu ionmhas gun choimeas ’na do luchairt fhein. Tha barrachd ann na bh’ aig righ riamh roimh.” Cha do chord am bruadar so ri Alasnam idir. “Ochan!” ars’ esan ris fhein an uair a dhuisg e, “nach mi a bha gu mor air mo mhealladh? Ged a ghabh mi an seann duine ud ann an riochd ar faidh, tha e coltach nach ’eil ann ach iomhaidh a dhealbh mi ’nam inntinn fhin. Bha mi cho tric a’ smaointean air ’s nach ’eil e ’na ioghnadh sam bith ged a chunnaic mi rithist as mo chadal e. Is fhearr dhomh tilleadh gu ruige Balsora. Cha ’n ’eil aobhar dhomh a bhith ’fuireach an so na ’s fhaide. Is math leam nach d’ innis mi mu ’n aisling a chunnaic mi do neach sam bith ach do m’ mhathair, agus nach ’eil fhios aig neach sam bith eile ach aice-se ’na h-onar c’ar son a thainig mi air an astar so. Dheanadh daoine cuis-bhursta dhiom nan robh fhios aca c’ ar son a thainig mi air an astar so.” Gun dail sam bith thill e air ais air a’ chois-cheum cheudna. An uair a rainig e dh’ fheoraich a mhathair dheth an robh e toilichte le a thurus. Dh’ innis e dhi gu saor mar a thachair dha. Bha e fo ’leithid de dhragh a chionn gu ’n d’ thug e creideas do ’n aisling ’s gu ’n robh a mhathair a’ feuchainn ri toileachadh a thoirt dha an aite ’bhith ’deanamh ceol-spors dheth. “A mhic,” ars’ ise, “na cuireadh na thachair dhut doilghios sam bith ort. Ma dh’ ordaich Dia saoibhreas dhut, gheibh thu e gu ’n teagamh. Gabh an gnothach air do shocair. Is e mo chomhairle-sa dhut a bhith ’caitheamh do bheatha gu cliuiteach, beusach. Cuir dubh-chul ri dannsa, ri ceol, agus ri ol fiona. Seachainn na solasan so uile. Cha mhor nach do sgrios iad thu mar tha. Feuch ris an t-sluagh a tha fo d’ riaghladh a dheanamh sona. Is ann le iadsan a dheanamh sona a gheibh thu sonas dhut fhein.” (Ri leantuinn.). Is caomh le fear a charaid, ach ’s e smior a chridhe a chomh-dhalt. Is co math peighinn a chaomhnadh ’us peighinn a chosnadh. Is co lionmhor osna aig an rìgh ’s aig an duin’ a’s ìsle staid. Is càraid sin, mar a thuirt an fheannag ri casan. Is call do chaillich a poca, ’s gun tuille aice. Is cam ’s is direach a thig an lagh. Is cliùtich’ an onoir na ’n t-òr. [TD 356] [Vol. 9. No. 46. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, MAIGH 17, 1901. Cha chluinnear ach gann iomradh air an t-seanalair Bhoerach, DeWet, aig an àm so. Tha e gle choltach gu bheil an sgeul a thainig mu dheidhinn fior gu leòr, gu robh e air a lagachadh cho mor ’na bhodhaig ’s na inntinn ’s nach robh e comasach dha leantuinn riomhe air cheann an airm. Cha b’ iongantach leinn ged a chualas an sgeul mu dheireadh a chluinnear air treubhantas agus gaisge DeWet. Tha fios air tighinn á Sina ag innse gu bheil na rioghachdan mora an deigh cur mu choinneamh na dùthcha sin 450,000,000 tael, no $500,000,000, a phàigheadh air son gach call us cunnart a chuir na “Bocsairean” air na h-Eòrpaich. Cha bhi Sina comasach air an t-suim mhor sin a phàigheadh, agus cha’n eil fhios nach feum na rioghachdan a’ chuid mhor de’n impireachd a ghlacadh ’sa chumail an seilbh an geall an airgeid. Cha ’n eil teagamh nach biodh aon no dha dhiubh gle dheònach sin a dheanamh. Ann an aon de na litrichean a chlo-bhuail sinn air an t-seachdain s’a chaidh, bha an sgriobhadair a’ faotainn mar choire do’ n MHAC-TALLA gu bheil e gle thric air deireadh leis na naigheachdan; gu faighear na naigheachdan anns na paipearan Beurla tri no ceithir de lathaichean mus faighear annsan iad. Is coire so nach gabh aig an àm so leasachadh. Tha fear-sgriobhaidh na litreach a’ còmhnaidh mu dha mhile dheug a mach á Sidni. Tha da phaipeir Beurla ann an Sidni a tha air an cur a mach ’sa tha ’ga ruigheachd-san na h-uile latha dhe’n t-seachdain. Cha ’n eil MAC-TALLA tigh’nn a mach ach aon latha dhe’n t-seachdain—Di-haoine. Naigheachd a gheibhear Di-luain, theid aig na paipearan laitheil Beurla air a h-innse air an latha sin féin no co-dhiu air maduinn an ath latha, ach, mar is furasda thuigsinn, cha ’n urrainn am paipear Gailig an naigheachd cheudna innse gus an tig e mach Di-haoine. Tha eagal oirnn mar sin nach gabh a’ choire sin leasachadh aig an àm so. Feumar cur suas leatha gus am fàs luchd-gabhail a MHIC-TALLA cho lionmhor ’s gu ’m bi e ’na chomas tighinn a mach na h-uile latha. Bidh daoine air uairean a’ gearan air cho gann ’sa bhios na paipearan de naigheachdan. Ach faodaidh iad a chreidsinn, ’nuair a tha na naigheachdan gann, nach eil daoine ann air an cruaidhe sin na luchd-deasachaidh nam paipearan. Tha aon bhràthair gràdhach a cur a thrioblaidean fein sios mar so:—“Bha sinn an dùil gu’m biodh sgeula-bàis agus sgeula-pòsaidh againn air an t-seachdain so, ach chuir an droch shìde tilleadh ’sa phòsadh, agus air do’n dotair a bhi tinn e-fhéin, chaidh am fear a bha ’dol a bhàsachadh am feobhas, agus tha sinne air an dòigh sin air ar cur as ar cuid féin.” Tha sgriobhadair anns an London Times ag radh gu’n bu chòir barrachd dhe na cìsean a thatar a’ togail ann am Breatunn a bhi air biadh agus air nithean eile a tha air an cur gu feum leis na daoine bochda cho math ris na daoine beairteach. “Mar is motha teachd-a-stigh duine,” ars esan, “’s ann is truime tha uallach na beatha tighinn air, agus ’si mo bharail gu bheil e na’s doirbhe do’n duine tha ’faotainn coig mile punnd ’sa bhliadhna gnothuichean a chumail an eagaibh a chéile na tha e do’n duine nach eil a’ faotainn bhar punnd no punnd gu leth ’san t-seachdain. Tha moran cosguis air nach urrainn da a sheachnadh, cosguis air nach eil aithne sam bith aig an duine bhochd.” Seann Chleachdaidhean. CHA ’N ’eil a’ chlann a tha eòlach orra so cho lìonmhor ’s a shaoileadh mòran. Tha ioma an diugh am measg nan Gàidheal aig nach ’eil eòlas coitcheann air gnè is spiorad nan sìnnsear a thaobh nan seann deas ghnàs ás an d’ éirich cuid do na cleachdaidhean so. Tha sinn uile gu tric fo bhuaidh nam facal agus nan ainmean a bha éifeachdach agus ro làidir ann an cùrsa nam bliadhna a dh’ fhalbh. Ach a nis agus a rithis thig spiorad an ùrachaidh agus an ath-leasachaidh a dh’ ionnsuidh cridheachan fosgailte; agus am measg nam muinntir ud bidh feadhainn aig am bheil tuisge nach bi ro mhi-chaoihmneil a thaobh nan seann chleachdaidhean. Tha aon do na seann ghnàis so co-cheangailte ris an àm so do ’n bhliadhna. Anns na laithibh so bidh na Gàidheil aig an tigh agus thairis a’ cuimhneachadh air “latha buidhe Bealltuinn.” Cha’n ’eil an fheadhainn is fòghluimichte cinnteach ás na brìghean a tha na facail so a’ còmhdach. Tha e air a theagasg gu coitcheann gu ’m bheil bhrìgh nam facal so co-cheangailte ri aoradh nan ioma mìltean a tha a ghnàth ag aideachadh gu ’m bheil an seann naomh Bel, ’na ghnè is ’na chomasan ioghnaidh, do na h-uile a tha ag iarraidh a bhi cuir crìoch air seann ghluasaid sònruichte am measg an t-sluagh.—Oban Times. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 20 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,980.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 357] [Vol. 9. No. 46. p. 5] Naigheachdan. Tha a bhreac air bristeadh a mach ann an Kentville, N. S. Deireadh na seachdain s’a chaidh bha seachdnar anns an aon teaghlach nan laidhe tinn leatha. Eadar thaighean-còmhnuidh agus shaibhlean, chaidh sia ceud us ceithir deug air fhichead de thogalaichean a losgadh anns an Transvaal ’s anns an Orange Free State bho thoiseach Iun, 1900, gu deireadh Ianuaraidh, 1901. Ged nach biodh de chall an cois a chogaidh ach sin fhéin, bu mhor e. Tha na tuathanaich air taobh an iar an eilein an ire mhath leis a’ churachd, fad air toiseach air muinntir an taoibh so. Tha an t-side gu math na’s blàithe an sin, oir cha ’n eil fuachd na deighe moire ’gan ruigheachd idir, agus mar sin tha feur us fochann a fàs moran na’s tràithe na tha iad anns an t-siorrachd so. Nach b’ e sultan na Tuirce féin an gille! Bha lighiche ’ga fhrithealadh o chionn ghoirid air son at no cràdh a bha ’na chluais, agus air dha a bhi ’ga laimhseachadh ghoirtich e i gun fhios d’a. Spion an sultan a mach daga, agus mharbh e an lighiche bochd air a bhad. Ruith seòmarlan a stigh air dha an urchair a chluinntinn, agus loisg an sultan air-san cuideachd, ach gu fortanach cha do mharbh e e. Bha an sultan an dùil gu robhas a toirt ionnsuidh air a bheatha. Tha Eilean a’ Phrionnsa ri bhi faighinn deich mile fichead dolair ’sa bhliadhna an deigh so á ionmhas Chanada. Chaidh sin a shuidheachadh leis an àrd-pharlamaid air an t-seachdain s’a chaidh. ’S e ’m bonn air am bheileas a’ deanamh sin gu robh e air a chur mar fhiachaibh air Canada, ’nuair a chaidh an t-Eilean a stigh do ’n aonadh, an t-Eilean a chumail an co-cheangal ri tir-mor a shamhradh ’sa gheamhradh le soithichean-smùide, agus nach deachaidh an cùmhnant sin a chumail mar bu chòir. Chaidh mort gràineil a dheanamh ann an ceann a tuath Maine an la roimhe, aig àite ris an canar Shirley. Fhuaireadh tuathanach d’am b’ ainm Allan, a bhean ’sa nighean air am mort, ’s an tigh ’s an sabhal air an cur ’nan teine. Bha corp an duine air fhaotainn ann an làrach loisgte an t-sabhail, agus cuirp a mhnatha ’sa nighinn ann an làrach an taighe. Fhuaireadh lòn fala eadar an tigh ’s an sabhal, far an deachaidh Allan fein a mharbhadh. Cha ’n eil fios no amhrus sam bith fhathast air co a rinn an gniomh uamhasach. Bha pàrlamaid ùr Australia air a fosgladh ann am Melbourne le Diuc York air an naodhamh latha dhe ’n mhios so. Bha mu dha mhile dheug sluaigh cruinn, agus bha greadhnachas mor air a chleachdadh. Fhuair oighre ’chrùin fhàilteachadh gu cridheil. Rinn e òraid fhada anns an d’ innis e dhaibh-san a bha cruinn cho measail ’sa bha an Righ ’s an Riaghladh Breatunnach air dilseachd muinntir Australia, agus an toil-inntinn a thug e do mhuinntir na h-impireachd air fad roinnean an eilean mhoir sin fhaicinn air an tàthadh ri chéile. B’ ann air iarrtus Banrigh Victoria, a chuir i an céill an uiridh, a chaidh am Prionnsa do Australia a dh’ fhosgladh na pàrlamaid. Chaidh àireamh thaighean nan teine ann an Ottawa Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha triùir dhaoine air an losgadh gu bàs. Tha luchd-àireamh an t-sluaigh ann an Sasunn an deigh an obair a chriochnachadh. Tha anns an dùthaich a nise, 32,525,716 sluaigh, 3,523,191 a bharrachd air na bha innte deich bliadhna air ais. Tha e gle choltach gu’m bi an Ard-phàrlamaid a’ sgaoileadh air an t-seachdain s’a tighinn. O thoiseach a’ mhios so tha an obair air a greasad, agus thatar an dùil gu’m bi gach cùis tha fa chomhair na pàrlamaid air an cur a thaobh mu mheadhon na seachdain. Sgaoil comhairle na siorrachd Di-sathairne s’a chaidh. Tha obair togail taigh-na-cùrtach ri tòiseachadh an ùine ghoirid, ach cha deachaidh làrach an taigh-chaothaich a thaghadh fhathast. Bidh aig a chomhairle ri tighinn cruinn uair eile air son sin, cho luath ’sa gheibh an cléireach gach fiosrachadh feumail mu na fearainn a tha air an cur ’nan tairgse. Chaidh poit-dhubh a ghlacadh faisg air Meat Cove Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha a phoit so air a cumail air obair o chionn àireamh bhliadhnaichean le fear Iain Mac Gill-fhaollain, a bha cur luchd-na-cusbuinn gu ’n dùbhlan, agus cha bu bheag an t-olc a bha e deanamh leatha ’sa choimhearsnachd. Chaidh Mac-Gill-fhaollain fhéin a ghlacadh cuide ris a phoit, ’s thugadh air falbh dh’ an phriosan e. Cha ’n eil obair-iaruinn Shidni air a creic fhathast, ach tha an deagh choltas gu bheil sin ri tachairt do ’n obair-iaruinn a bha ri bhi ann an Sìdni Tuath. Tha cuideachd de dhaoine saibhir á Sasunn an deigh còrdadh a dheanamh ris a chuideachd a bha ’dol a chur na h-obrach air adhart, leis am bheil còir aca air a Mheinn a Tuath a cheannach, còmhla ris a mhèinn iaruinn air Belle Isle agus an obair iaruinn ann an Trenton. Ma ni iad an ceannach nuair a bhios an ùine air ruith, cha ’n eil teagamh nach bi obair cho mor ann an Sidni Tuath ’sa tha ann an Sidni. Chaidh buidheann de dh’ Eadailtich a ruagadh air falbh o rathad-iaruinn Inbhirnis us Richmond air an t-seachdain s’a chaidh. Bha leth-cheud de na daoine sin air an toirt dh’ ionnsuidh na h-obrach le Mac-Coinnich & Mann, agus cha robh iad ri fhaotainn mar thuarasdal ach 80 sent ’san latha. Nuair a chuala luchd-obrach na dùthcha sin, chuir iad bàirlinn g’an ionnsuidh iad a thrusadh an cuid ’sa bhi fàgail na h-obrach. Dhiùlt na h-Eadailtich sin a dheanamh, agus chuir iad muinntir Cheap Breatunn gu ’n dùbhlan, ach nuair a chunnaic iad reiseamaid dhe na ceatharnaich sin a’ tighinn, chuir gach fear a sgian ’sa dhaga na phòca agus thog iad rithe cho luath sa dheanamh an casan. Lean càch air an tòir fad dheich mile, ach nuair nach robh na h-Eadailtich a deanamh coltas seasamh no tillidh chaidh iad air ais gu ’n obair. ’Se ’s dòcha nach teid an corr Eadailteach do shiorrachd Inbhirnis gus am bi an rathad-iaruinn criochnaichte. Tha an luchd-obrach air an rathad sin a nise faotainn $1.40 san latha, agus bhiodh e gle chruaidh orra na h-Eadailtich a thighinn a stigh ’san tuarasdal isleachadh gu ceithir tasdain. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 358] [Vol. 9. No. 46. p. 6] Litrichean mu Mhac-Talla. As na h-Eileanan Coille, E. P. I. FHIR-DEASACHAIDH CHOIR:—Thug mi ’n aire bho chionn beagan àireamhan air ais dhe ’n MHAC-TALLA, gu bheil sibh a toirt cuireadh dha ’r luchd-leughaidh am barail a thoirt dhuibh mu dheighinn a phaipear, agus saoilidh mi gu bheil sibh a toirt tairgse glé shuairce dhuinn: ma gheibh sinn coire dha nach cuir e gruaim no mi-thlachd sam bith oirbh, agus ma ni sinn a mholadh nach cuir e moit no prois oirbh. Agus bho nach ’eil sannt bhreug orm fhìn, agus brosgul cha ’n ’eil mi dol ’ga dheanamh, mar an urrainn sinn a bhi moladh ni no neach sam bith, saoilidh mi gur fearr fuireach samhach na bhi ga dhi-moladh no ga chàineadh. Ma ta, their mi so, gur a h-ann a tha seorsa de mhoit orm a chionn gu bheil againn an aon phaipear Gàilig a tha air uile uachdar an t-saoghail, agus sin anns a Ghàilig is binne ’s is blasda ’s urrainn sinn éisdeachd. Agus air mo shon fhein dheth, faodaidh mi a ràdh gur e MAC-TALLA agus leanaban beag is odha dhomh, a tha fuireach comhladh rium, cuideachd is taitniche leam a tha agam; agus ma tha coire idir agam dhaibh le cheile ’s e cho ro bheag ’sa tha iad. Ach bidh e toirt seorsa do mhisneach dhomh nuair a chuimhnicheas mi mar a thuirt am bard roimhe:— “Ged tha Eòghan beag an dràsd’, ’S ann a fàs a bhitheas e.” Tha mi ’creidsinn gu ’m faodadh leughadh a bu tlachdmhoire agus ma dh’ fhaodte bu bhuannachdaile a bhi ann na na “Sgeulachdan Arabianach”; ach ’s fheudar aideachadh gu bheil moran do theagasg gle mhath annta. Agus tha mi creidsinn gu ’m faodadh leughadh a bu taitniche na sanais luchd-creic bathair a chur ann; ach faodaidh sin a bhi buannachdail do muinntir Shidni, agus do ’n chuideachd a tha cur a phaipeir a mach. Bu mhath sibh a chuimhneachadh nach ann a cur coire sam bith oirbh a tha mi le leithid sud ainmeachadh, a chionn “faodar brà a breacadh gun a bristeadh,” agus “is fearr fuine thana na bhi uile falamh.” Ach ’s e a choire is mò a tha agam fhein dha cho ro ainneamh ’s a tha e tighinn. Tha e glé bhicheanta eadar seachdain is ceithir-latha-deug eadar so agus Sidni, agus cia b’e sam bith àite ’m bheil Sidni cha ’n ’eil fhios agamsa. Ach tha mi faighinn paipearan Beurla á Montreal agus as na Stàidean, agus thig iad eadar tri ’us ceithir do lathaichean; agus mar am bheil coire aig cuideiginn ris ’s fheudar gu bheil Sidni ann an àit iomallach air choireiginn, mar a faod e bhi air cùl Africa, no an àite neonach air choireiginn eile! Ach cha ’n ’eil mi a cuir coire sam bith oirbhse. Agus tha e cuir na m’ chuimhne uair-eiginn a bha mi comhladh ri grunnan laghach dhaoine a bha bruidhinn air stuamachd agus a ruith sios an uisge bheatha. Bha aon duine coir ’nar measg, ’s cha robh e ag ràdh guth, agus nuair a bha e fàs sgìth ag eisdeachd riutha, dh’ eirich e gu falbh, agus ’s e thubhairt e: “Coma leibh dheth, coma leibh dheth; tha e laghach, tha e laghach!” Sin mar a tha mise ma dheighinn MHIC-TALLA. Gu ma fada beò e, agus mo charaid caomh a tha ’ga threorachadh. Thugaibh mo mhìle beannachd do mo chàirdean, Murachadh còir agus Bodachan a’ Ghàraidh, cho frogadach ’sa bha e riamh. B’ fhearr leam gu ’n cluinninn bho thuilleadh dhe na seann chàirdean. Cha ’n ’eil naigheachd ùr sam bith agam aig an àm so, agus mar sin fanaidh sinn gu uair eile. Bidh mi nisc gabhail slàn leibh. An latha chì ’s nach fhaic, is mi ur caraid mar bu nòs. SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOL. As an Iar Thuath. Bha mise ’gabhail a MHIC-TALLA beagan bhliadhnaichean air ais, ach air dhomh a bhi gann de dh’ airgead ’s de dh’ ùine, sguir mi dheth fad dha no tri bhliadhnaichean. Tha mi nise ’ga ghabhail a rithist, agus ’s i mo bharail gu bheil e na ’s fhearr na bha e an uair sin, ged bu mhath an airidh e a ghabhail ’sa leughadh riamh o’n chuir mi mo cheud eòlas air. Bu mhath leam fhaicinn anns a phaipear o àm gn àm, cunntas air a thoirt seachad air a’ Ghàilig, a tùs, a h-eachdraidh, a càirdeas ri cànainean eile, Ceilteach agus céin, na h-atharraichean a thainig oirre, agus mar sin sios. Tha mi smaoineachadh gu ’m biodh sgriobhaidhean dhe ’n t-seorsa sin na meadhon air clanna nan Gàidheal a dhùsgadh gu barrachd meas a ghabhail air cainnt an dùthcha agus gu barrachd eòlais a ghabhail oirre. Dheanadh so MAC-TALLA gu math na ’s fhearr na tha e, na mo bheachd-sa; ach mar a tha e ’s ann a dol na ’s fhearr ’s cha ’n ann na ’s miosa a tha e ’dol. U. I. DOMHNULLACH. Fleming, Assa. Barail Mhic-Thearlaich. Tha mi duilich a bhi cluinntinn gu bheil daoine a’ cantuinn nach ’eil do phaipear gasda cho math ’s a bha e roimhe so. Tha mi faicinn gu bheil thu ’g iarraidh barail dhaoine air a sin. Tha mi-fhin glé thoilichte leis, ach ma ghabhas e deanamh na ’s fhearr ’s math sin. Bheirinn fhin dolair air stoiri “Gille carach mac na bantraich,” agus “Oran Neill ’us Iain.” Agus nam biodh sinn a’ faighinn corra uair òran beag, gasda dhe na bhiodh aig seann laoich na h-Alba, bhiodh e cheart cho beag cron ri pàirt dhe na bheil sinn a faotainn ann am paipearan eile mu pholitics—moran AODAICHEAN DEANTE COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle. Tha sinn cuideachd a’ cumail Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties. Agus ’s ann againn a tha ’n stoc Thruncaichean is Mhaileidean a’s motha tha ’n Nobha Scotia. Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut. THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd., Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. Stor Leabhraichean Phattillo air a h-ur-fhosgladh ann an Togalach a Mhac-Talla, agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boid each a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. [TD 359] [Vol. 9. No. 46. p. 7] dheth nach ’eil na fhìrinn idir. Cha do sgriobh mise litir Ghàilig riamh roimhe, agus mar sin feumaidh tu mo leithsgeul a ghabhail ged a bhiodh i glé mhor air ais air litrichean dhaoine tha eolach air sgriobhadh Gàilig. Ach nan robh mise math air sgriobhadh Gàilig bheirinn air na fir sin a bha cur sios air an aon phaipear Gàilig a tha air an t-saoghal. ’S fhearr dhaibh fhein paipear a chur a mach, agus chì sinn dé cho math ’s a bhitheas e. Cuiridh mi-fhin dolair ann uair sam bith a thig e. Agus cuiridh mi dolair ugad-sa cuideachd ann an ùine nach bith fada, air son bliadhna eile dhe ’n MHAC-TALLA, ged a b’ ann a dol air ais fhein a bhiodh e, mar nach ’eil, ach a tighinn air adhart na h-uile bliadhna. IAIN MAC-THEARLAICH. An Amhuinn Mheadhonach. Mo Bharail-sa air Mac-Talla. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha mi tuigsinn gu bheil pàirt dhe d’ luchd-leughaidh a’ talach air do phaipear. Tha sin nàdurra gu leor. Cha ’n ’eil ni gun choire fo ’n ghréin, agus ciamar, mata, a’s urrainn am MAC-TALLA ’bhith saor o mhearachdan? So na freagairtean a tha mise ’toirt do na tri ceistean agaibh. 1. Tha am MAC-TALLA na m’ bheachd-sa cho math am bliadhna ’s a bha e bliadhnachan roimhe so. Faodaidh e bhith gu bheil corra àireamh dheth nach bi cho math ri càch, ach cha ’n ’eil an sin ach rud a tha tachairt do na paipearan a’s fhearr ’s an dùthaich. 2. Is fheudar dhomh aideachadh nach ’eil moran agam ma dheighinn roinn de na h-òrain a tha mi faicinn ann o chionn bliadhna. Saoilidh mi nach ’eil bàrdachd na deagh sgoilearachd air pàirt dhiubh. Ach co aig tha fios na ’m bithinn a’ m’ dheagh bhritheamh air bàrdachd an abarainn so. Tha fios gu bheil cuid de na seann òrain airidh air an cur an clò, air sgath na h-eachdraidh a tha ’n co-cheangal riutha. Faodaidh so leisgeul a ghabhail air na h-òrain a tha mise ciallachadh. Tha fios, a rithisd, gu ’m bu mhath leam am MAC-TALLA gu math ni bu mhotha na tha e; ach, is docha, a reir ’s na th’ aige de luchd-gabhail, gu bheil e cho mor ’sa dh’ fhuilingeas e. 3. A thaobh atharrachadh a thoirt as a’ phaipear, cha ’n abair mi diog. Mhair am MAC-TALLA ’cheana ni b’ fhaide na aon phaipear Gaidhlig a chaidh a chur air bonn riamh roimhe so; agus leis a’ sin, tha mi ’n duil, bho ’n a rinn am fear-deasachaidh a ghnothuch cho math uige so, gu ’n coir duinn marasgladh a’ phaipear fhagail na ’lamhan fhein. Nam biodh luchd-stiùiridh (directors) comasach aig a’ phaipear, theagamh gu ’m faodadh iadsan an guth a thogail mu ’n chuis; ach cha ’n ’eil math feuchainn ris a h-uile Eòghan, Domhull is Iain a thoileachadh, oir ’s e rud e nach gabh deanamh. D. D. O Mhurchadh Cam. “GACH DILEAS GU DEIREADH.” FHIR-DEASACHAIDH:—O’n tha cuid de dhaoine gearan nach ’eil MAC-TALLA cordadh riutha cho math ’sa bha e anns na bliadhnaichean roimhe so, sgriobhaidh mi beagan fhacal ugaibh. Nise cha ’n ’eil mi airson buille thoirt do neach sam bith airson a bheachd, ach ’s e mo bheachd fhìn gu bheil MAC-TALLA ’m bliadhna, seadh, a ghabhail thar a cheile, cho math ’sa bha e riamh, mur ’eil na ’s fhearr. Tha e toirt dhuinn barrachd de naigheachdan na dùthcha agus an t-saoghail na bha e riamh, agus a bharr air sin beachdan soilleir ’us ceart an fhir-dheasachaidh air a h-uile cuis ris an gabh e gnothuch. ’S meirg a roinneas an fheoil ’s an taigh am bi na mnathan. Their te “Hum!” ’s their te eile “Ham!” “Cnaimh dona gun fheòil!” “Feòil dhona gun chnaimh!” Tha e trom air duine tha deanamh uile dhichioll a bhi gearain air—agus a tha deanamh rud nach ’eil duin’ eile ’s an t-saoghal a deanamh. Leanadh sibhse air an obair mhath, agus bheir mise agus iomadh fear is té ar seachd beannachd oirbh. Tha mi toilichte leis na litrichean taitneach agus na h-òrain ’sa MHAC-TALLA. B’ airidh an t-òran, “Bàs na Banrigh,” le C. C., air àite ’sa phaipear a’s fhearr air an talamh. MURCHADH CAM. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. Agent the New York Life Insurance Co., Sydney, C. B. Dear Sir,—The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. F. O. PETTERSON, CEANNAICHE TAILLEAR. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MAC FHEARGHAIS, CEANNAICHE-TAILLEAR. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. [TD 360] [Vol. 9. No. 46. p. 8] Oran a’ Bhaloon. Thainig am “Baloon” so á Eirinn bho cheann àireamh bhliadhnachan. Bha e air uairean a’ tighinn cho dlùth do ’n ghrunnd ’s gu ’n d’ rinn e moran millidh air gàraidhean criche mu ’n cuairt do Phort-Ellen, an Ile. Mu ’s fior am bàrd bha cuid de na seann daoine air an cuir thuige gu mor, oir shaoil iad gu ’m b’e olc a thaobh eigin a bh’ ann, agus feumar aideachadh gu ’n robh aobhar aca. Tha e glé chosmhail gu ’n robh cuid dhiubh nach cuala iomradh riamh roimhe air a leithid, gun tighinn air fhaicinn. Rinneadh an t-oran aighearach so le Gilleasbuig Mac Affara, ann an Ile. B’e sud a’ bhliadhna fhiadhaich, Bha piantach do iomadh neach, A’ bhliadhna thàin’ an diabhul Air sgiathan o’n àirde-deas, Shaoil na peacaich iargalta, ’Bhliadhn’ ud gu ’n robh iad leis. A’s ghuidh iad air an Trianaid, Na Diadhairean a bhi deas. Cha chualas ann am fàisneachd Na fàidhean a bh’ ann o shean, Gu ’n robh sùil ri Sàtan, ’S na h-àiteachan so air leth, Ach ’s e ’n latha thàinig e, Chaidh sinn o bhi air chleith, ’Sinn gun doigh air sàbhaladh— B’ fhearr dhuinn nach deach’ ar breith. B’ e sud an latha muladach, Bha h-uile duine ri bhi ’n sàs, Cha robh ùin’ air aithreachas, A thaobh nach d’ amhairc sinn air tràth, Cha robh ’n creideamh daingean againn, ’S cha robh math dhuinn dol ’n a dhàil; Cha robh do neart an gin againn Na ghleidheadh mionaid sinn o’n bhàs. Ged dh’ éireadh shluagh Phort-Ellen ’S a’ h-uile ministeir a bh’ ann, Chuireadh esan crith orra, ’Tigh’n thar na linne oirnn a nall; Tha fhios gu math nach b’ urrainn duinn Bhi strith ri cumail ris gun taing. ’S air son sinn a bhi bruidhinn ris, Cha tuigeadh esan smid dheth ’r cainnt. Bha iomadh cridhe fannachadh, An àm do ’n Tamhasg tigh’n a nall, Ach cha robh stàth bhi gearan air, Cha ’n fhaighte maitheanas ’san àm; Ghlaoidh sinn ’n uair a mhothaich sinn da, Gu ’n robh ’n donas oirnn teann; “Thainig so mu dheireadh oirnn, ’S e lath’ a’ bhreitheanais a th’ ann.” B’ e sud an sealladh anabarrach, Anamoch ’n uair luidh a’ ghrian, Connsachadh a’s argumaid Aig cailleachan ’s aig bodaich liath, Mìneachadh ’s a’ dearbhadh, Gach seanachas a bh’ aca riamh Mu ’n leòghan bheuchdach, gharg, An sean ainm bh’ ac’ air a bhiasd. Bu shearbh dhuinn am feasgar ud, Cha deanadh teicheadh feum air bith, H-uile h-àite rachamaid, Bhiodh esan fagus dhuinn an sin, ’S ann bu ghann a sheasamaid, Chionn bha ar n-easgaidean air chrith, ’S sinn gun dòigh gun leth-sgeul againn, Ach bhi leis a’ h-uile gin. ’N uair chunnaic sinn an àird e, ’S a’ fàs as ar cionn cho dùmhl’, A’ tuiteam o na speuran, ’S a’ deanadh oirnn gu math dlùth; Bha cuid ag ràdh ri chéile, “’S e so an reul as an robh ’n smùid, ’S mar an e ’s e ’n t-àibhistear e, ’S daoine caillte sinn co-dhiù.” ’S e bu luaithe na ghaoith, An uair a shaoilt’ e bhi ’n a stad, ’S ged a chìt’ e tigh’n gu talamh, B’ fhaisg do ’n ghealaich e gun ag; Fhuair sinn an aon sealladh air, ’S gach àit’ ’n fhearann so cho grad, ’S gu ’n tugadh iomadh barail air, Ach thug e ’n car asainn air fad. Thionndaidh e anns gach cuma, ’S dh’ atharraich e dusan dath, Bhiodh e uaine, dearg a’s buidhe, Lachdunn, odhar, dubh a’s geal, Donn a’s gorm, ruadh a’s riabhach, ’S uair a’ dol ’n a stealla glas, Bhiodh e uair cho mor ri mullan, ’S uair cho beag ri ubh eòin-glais. Thug e Cille-Bhrìd’ air, ’S da rireadh cha b’ ann ’n a thàmh, Tha sin mor r’a innseadh, Na mìorbhuillean rinn e ann, Rinn na daoin’ an dichioll, G’a mhineachadh neo-air-thaing. Ach tha e fad r’ a sgriobhadh, ’S ro lionmhor r’a chuir an cainnt. Bha e shios ’s an Odh’ aca, Seoladh os cionn nan creag, Eadar Torr-na-Monadh A’s corsaichean Thorr-a’-Chneimh; Cha d’ fhan cathag bheo ann, Na ròcaideach nach do theich, ’S mar ’n do theich na daoine, Cha ’n fhaod sinn a bhi g’a chleith. Ged nach d’ rinn e cron oirnn, Ach gabhail thairis os ar cionn, Cha mhor a rachadh fagus da, ’S an àm a stad e air a ghrunnd; Bha sinn cearr am bitheantas Gus an d’ fhuair sinn fios a chur a nunn. ’S thug iad dhuinn, na daoine laghach, Ainm ’s a shloinneadh “am Baloon.” Nach Muladach Duine leis Fhein. SEISD.— Ho rìthil, o rothan, Ho rìthil, o ré; Ho rìthil, o rothan, Hìllin och, ho ré é. Nach muladach, muladach Duine leis fein; ’S ionnan sin ’s mar tha mise, ’S tric mi sileadh nan deur. ’M faca tusa ’n t-òg-uasal Chaidh ’suas a so ’n dé; Le gunn’ air a ghuallainn, ’S e uallach ’na cheum. ’N uair a thigeadh tu dhachaidh, Chluinnte farum do cheum; Bhiodh do sheomraichean cadail, Air a lasadh le céir. ’N uair a rachadh tu ’n fhireach Leat a chinneadh an t-seilg, Bhiodh na coin leat, ’s do ghillean, ’S do ghunn’ air dheadh ghleus. Nach boidheach ri ’m faicinn Air faice là féill, Na cìobairean uallach A’ cualach na spréidh. O! fhir a chot’ uaine Chaidh a mach a bhuain an dé, Mar a tig thu leam dachaidh Ni mi ’n rathad leam féin. Gur mis’ tha fo mhulad, ’S ro dhuilich a’ d’ dhéigh; ’S tric tha mi cho deurach ’S nach léir dhomh mo cheum. ’S tric a bha sinn gu càirdeil Fo sgàile nan geug, Ach cha mhò leat mi ’m bliadhna Na ialtag nan speur. Ged a dh’ fhàg thu mi buileach ’An dubhar na gréin, Cinnidh mise mar fhàillein Gun fhàillinn, làn sgeamh. AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 361] [Vol. 9. No. 47. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 24, 1901. No. 47. “Chi Mi Sin is Fuaighidh Mi So.” LEIS AN OLLAMH DOMHULL MAC-FHIONGHAIN, AN DUNEIDEANN. I. CHA ’N ’eil fhios cuin, no gu ro mhaith c’ àite, an do shaothraich an duine misneachail mu ’n luaidhear na facail so. Dh’ fhaoidte nach robh an duine riamh ann; nach robh bith no dachaidh aige ach ann an ceann an fhir a chuir an sgeul air chois. Is maith leinn a bhi ceangal smuain no teagasg de ’n t-seòrsa so ri àite no ri urra air choreigin. Is ann mar so a tha sgeul na Féinne fuaighte ri àite sònruichte, ri creig no allt no tobar no tulach air chor-eigin an sid ’s an so air feadh na Gàidhealtachd ’s na h-Eireann. Tha sgeul an Tàilleir ainmeil so de ’n ghnè cheudna. Rinn a thùrn ’s a thapadh iomraiteach e; agus is toigh le mac an duine bhi ’g agairt eòlais is cairdeis orrasan a tha cliùiteach is ainmeil. Anns na cearnan de ’n Ghaidhealtachd ’s an eòlaiche mise, far an labhrar a’ Ghàidhlig, ma ’s fhìor Niall Mòr Mac Ailpein, dìreach mar a chluinnteadh á beul Eubha i, theirear gu ’m buineadh an Tàilleir foghainteach so do I-chalum-chille, agus feuchaidh muinntir Idhe dhuit sliochd ìnean na cròige mosaich a theab foghnachdainn do ’n Tàlleir, ann an ursainn na h-Eaglais Mhòir gus an là an diugh. A rìs dheanadh muinntir taobh Loch-Odha an Tàilleir dhoibh fhéin. Agus na ’n cuirteadh cuairt air a’ Ghàidhealtachd cha ’n ’eil teagamh nach fhaighteadh uiread àitean ag agairt còir air curaidh na snàthaide ’s a gheibhear anns a’ Ghréig ag agairt còir air Homer, no ’n ar measg fhéin air Fionn, air Oisein, ’s air Naomh Pàdruig. Ach cha chluinn na Tuathaich iomradh air àite d’ am buin an duine gleusta so ach a’ Mhanachainn. Agus cò a ghabhas air a ràdh gu bheil na Tuathaich ceàrr? So an sgeul mar tha e air innseadh ann an leabhar Mhic Neacail, far am bheil iomadh aon maith a bharrachd: Uaireigin de ’n t-saoghal chuir Tàilleir tapaidh a bha ’s a’ Mhanachainn geall gu ’m fuaigheadh e paidhear osan ann an Eaglais Chillechriosd’ air druim a’ mheadhon-oidhche. Bha ainm gu ’n robh tamhasg eagallach a’ tathaich na h-eaglais ’s an àm. Air oidhche shònruichte chaidh an Tàilleir,—e fhéin is aodach ’s a shnàth ’s a shnàthad ’s a sholus—do ’n eaglais. Shuidh e dlùth do ’n dorus, agus bha e a’ fuaigheal fad uair an uaireadair gun ni chur dragh air. Bhuail an dà uair dheug; agus an uair a bha fuaim a’ bhuille mu dheireadh a’ seirm troimh ’n fhàrdaich, mhothaich an Tàilleir cruth oillteil dlùth air, agus chual e guth nach buineadh do ’n t-saoghal so ’n a chluais, ag ràdh: “Fhaic thu an ceann mòr liath is e gun bhiadh, a Thàilleir!” “Chi mi sin, ach fuaighidh mi so,” fhreagair an Tàilleir, ’s e leantainn air obair. Thainig an tamhasg na b’ fhaisge, is chualas an guth ceudna rithist: “Fhaic thu an sgòrnan fada riabhach is e gun bhiadh, a Thàilleir!” “Chi mi sin is fuaighidh mi so,” ars’ an Tàilleir. Uidh air n-uidh bha an t-aogasg mallaichte a’ tighinn na bu dlùithe ’s na bu dlùithe, ’s an guth a’ dol na bu ghairisniche ’s na bu ghairisniche: “Fhaic thu a’ cholunn mhòr riabhach is i gun bhiadh, a Thàilleir!” “Fhaic thu an t-sliasaid reamhar, riabhach, is i gun bhiadh, a Thàilleir!” “Fhaic thu an gàirdean fada riabhach, is e gun bhiadh, a Thàilleir!” Cha robh freagairt no freagairt aig an Tàilleir ach an t-aon: “Chi mi sin ach fuaighidh mi so;” agus air an fhuaigheal lean e, an dìnnisg a chridhe. Cha robh ach cupall ghreum gun chur, agus cha robh a’ chairbh uamhasach ach cupall troidh bhuaithe, ’n uair a chunnaic an Tàilleir an làmh sgreataidh ud, gun fheòil gun chraiceann, a’ tighinn mu thuaiream, ’s a chual e ’n guth aon uair eile: “Fhaic thu a’ chròg mhòr fhada riabhach is i gun bhiadh, a Thàilleir!” Ach bha an greum mu dheireadh a nis fuaighte. Sgrìob an Tàilleir leis a chuid osan, ’s a mach thug e. ’N a dhéigh an t-olc. ’Nuair a bha e eadar dà bhì an doruis, mhothaich e ìnean an rosaid, mar thurcais dheirg ann an ploc a dhà mhàis. Ach fhuair e as beò. Agus gus an latha ’n diugh chithear ann an cloich-ursainn Eaglais Chillechriosd sliocht ìnean an uamhais, a’ toirt dearbhaidh gu bràth air treubhas an Tàilleir ’s air fìrinn an sgeoil, Co dhiù bha bun no bàrr riamh aig an sgeul so no nach robh, thug e gun teagamh toilinntinn, agus, nach faod mi ràdh, buannachd do iomadh aon d’ ar cinneadh o’n a chualas an toiseach e. Nach ’eil e freagarrach, mata fheòraich, ciod a’ ghnè inntinn leis am bu choir dhuinne, ’n ar latha fhéin, sealltainn air uirsgéil de’n t-seòrsa so? Tha fhios againn air beachd Easbuig Earra-ghaidheil a sgriobh os cionn tri cheud bliadhna mu ’n cheart nì so. B’ i barail an duine fhòghluimte sin gu ’m faodadh a luchd-dùthcha an aire a thoirt do nithean a b’ fheumaile ’s a b’ fhéarr. So a chainnt, air a h-atharrachadh gu dreach ar latha-ne: “Agus is mòr an doille agus an dorchadas peacaidh agus aineolais agus innleachd do luchd-deachdaidh agus sgriobhaidh agus còmhdaich na Gàidhlig, gur mò is miann leo agus gur mò a ghnàthaicheas iad eachdraidhean dìomhanach buaireanta, breugach, saoghalta a chumadh air Tuathaibh De Dhanann, agus ar Maca-Mìlidh, agus air na Curaidhean, agus air Fionn Mac Cumhail ’s air Fhianntan, agus air moran eile……na briathran dìleas Dhe agus slighe fhoirfe na firinn a sgrìobhadh ’s a dheachdadh ’s a chòmhdach.” Agus nach ’eil e fìor gu ’n robh ’s gu bheil a’ mhòr-chuid d’ ar luchd-teagaisg ann an Gàidhealtachd na h-Alba a dh’ aon bheachd ri Carsalach mòr Charn-as-airidh? Tha e gun teagamh dearbhta gu ’n do ghabh na Gàidheil o shean mòran tlachd ann an aithris Sgeulachdan. Creididh mi gu ’n d’ thug ar n-aithrichean tuilleadh na bu chòir d’ an aire do Litreachas de’n t-seorsa so. Tha mi fhéin air a h-aon de ’n bheachd nam biodh barrachd dhiubh cosmhuil ri Tàilleir gaisgeil na Manachainn, nan d’ thug iad an aire na bu mhodha air fuaigheal ’s na bu lugha air bòcain, gu ’n robh, ann an cainnt Oisein (no Sheumais Mhic Mhuirich) slios na h-aimsir na bu bhallaiche le an euchdan na tha e; gu ’n robh an eachdraidh na bu chliùitiche; ’s gu ’n robh an sliochd na bu chumhachdaiche ’s an t-saoghal na tha iad an diugh. Agus faodar aideachadh gu bheil cuid de na seann sgeulachdan, mar a thuirt easbuig nan casa [?], “diomhanach, breugach, saoghalta.” Ach nach ’eil an aite féin aca ann an eachdraidh ’s ann an cridhe an t-sluaigh? Agus nach ’eil e fior, ma chuir ar n-aithrichean cus urraim air na sgeulachdan, gu ’n do chuir ar luchd-teagaisg-ne, o chionn iomadh bliadhna, tuilleadh ’s a chòir an suarachas iad? Ma chaidh na seann daoine thar an each mòr, an cum sin sinne gun dol, gu brath tuilleadh, air mharcachd? Tha Sgeulachdan a’ Ghaidheil de’n aon ghnè ri Sgeulachdan gach Fine ’s gach Sluaigh, geal is dubh is ruadh, air an cualas iomradh. Tha iad a’ gleidheadh air chuimhne a bheag no mhòr de bhéul-aithris an t-sluaigh mu Eachdraidh, mu Chleachdadh, ’s mu Chreideamh an stuic o’n d’ fhàs iad. “Cha ’n fhaicear ach caol na bh’ ann;” ach is ann ri leus na Sgeulachd a’s fheàrr is léir dhuit am beagan a tha nis r’a fhaicinn. Chaidh na seann Sgeulachdan Gàidhealach troimh iomadh beairt; agus cha ’n ’eil teagamh nach d’ fheuch na figheadairean ri suidheachadh am breacan fhéin a thoirt daibh; ach gabh iad mar a tha iad, sgriobhta anns na seann leabhraichean, no air meomhair sheann daoine, agus cuir ’nan seasamh iad, guala ri guala, ris na Sgeulachdan a’s motha meas air an t-saoghal,—ri Sgeulachdan na h-Aird-an-Ear, ri Sgeulachdan na Gréig ’s na Ròimh, ri Sgeulachdan nan Gall is Lochlainn, agus saoilidh mi nach [?] a leas nàire a ghabhail asda, aon chuid ’n am blas no ’n am brìgh. O shean bhatar ag amharc air na Sgeulachdan so mar Eachdraidh a bha uile gu léir fior. Is ann mar so a laimhsich na seann Sgoilearan Gàidhlig iad. Leugh is dh’ eadar-theangaich na Gàidheil, agus b’ iadsan na ceud sgoilearan an cearn an Iar na h-Eorpa a rinn an tùrn—leugh is dh’eadartheangaich iad Sgeulachdan nan Greugach ’s nan Romanach; euchdan Ercoil is Iasoin is Æneais, Sgeulachd na Tròidhe ’s na Téib; ach chuir iad an neo-or-thainig uiread meas air an curaidhean fhein ’s a chuir iad air aona Ghreugach no Ròmanach a sheas riamh air bonn. An uair a bha Bricne Nimhtheanga a’ seirm cliu Fhearghuis ann an cluais Fhlìdais, so a’ chainnt a chleachd e: “Ged a bhithinn sa agus seachd cinn orm, agus seachd beoil anns gach ceann, agus seachd teanganna anns gach beul, agus seachd so-labhairt ollaimh air gach teangaidh, cha ruiginn air an laoch a mholadh mar bu chòir. Oir am measg laoch na talmhainn cha ’n fhaighear a mhac-samhuil, agus cha chualas riamh roimhe iomradh air a sheise, ach Lugh Lamhfhada a bha an cath Mhaighe Tuireann, agus Ercoil mac Amphitrioin sàr-laoch nan Greugach, agus Echtoir mac Phrìm sàr-laoch nan Tròidheanach; agus bheir mise m’ fhacal gur fheàrr Fearghus na gach laoch dhuibh sin,—an gaisge, an cruth, an céill, an inbhe, am meanma, an cliù, agus an tìodhlacadh òir agus ionmhais.” Tha an t-ollamh comasach so a’ cur Lugh Lamhfhada prìomh laoch nan Tuatha Dé Dhanann, is Ercoil, ceud churaidh na Gréige, agus Eachainn, sar ghaisgeach na Tròidhe, taobh ri taobh; agus a’ cur a’ churaidh Ghaidhealaich, Fearghus mac Roich, os an cionn uile. O chionn iomadh bliadhna tha a’ Ghàidhlig a’ call a h-àite ’s a meas an Albainn, agus faodaidh e bhith gu ’n robh an fhìrinn aig Uistean Mac Dhomhnuill Chillepheadair ’nuair a labhair e mar [TD 362] [Vol. 9. No. 47. p. 2] so: “Is e am buille a’s truime fhuair a’ chanain-sa riamh gu ’n deachaidh an teaghlach rioghail do Shasunn, agus gu’n robh mor-uaislean na Gàidhealtachd ’g an leantainn. Bha iad sin a’ toirt cleachdaidh agus cànain Shasuinn agus na Galltachd air an ais. Bha barrachd coimh-mheasgadh bho’n aimsir sin eadar Gàidheil is Gaill, agus bha riaghladh na rìoghachd uile ag oidhearpachadh gus a’ chànain-sa chur as, gus an robh na Gàidheil, a lion beag is beag, a’ call an tlachd do ghnàthachadh agus do mheasalachd cànain neartmhor an sinnseara, air chor is nach mòr nach deachaidh iad air chall gu léir.” Mar a sheinn ministeir Chille Naoinein am Muile, gu tùirseach ach gu ro fhìor, mu’n Ghàidhlig: “Thuit i ’san Tùr maraon le h-Ughd’raibh féin, ’S na Flaith ’m bu dùth i ghabh d’a cùmhdach spéis; Reic iad ’s a’ Chùirt i air cainnt ùir o’n dé, ’S do thréig le tàir, bu nàr leo ’n cànain fhéin.” Ach cha ’n ’eil teagamh nach d’ fhuair Litreachas nan Gaidheal buille trom trom o ar luchd-teagaisg fein. Anns an linn a chaidh seachad bha na seann Sgeulachdan, gu sònruichte air Ghàidhealtachd, air an cur sìos mar sheanachas faoin gun bhrigh’—ruaisean a bha air an snìomh á cinn dhaoine aig nach robh na b’ fheàrr r’a dheanamh. Chaidh Sgeulachdan, Bàrdachd is Ceòl an t-Sluaigh a chàineadh mar nithean cronail leis na Carsalaich ’s le ’n luchd leanmhuinn. Ach cùis gle iongantach leughadh iad féin le toilinntinn Sgeulachdan is Bàrdachd na Gréig ’s na Ròimh. ’S ann do’n Litreachas Ghàidhlig a mhàin d’ an d’ thug iad beum. Bha an còmhnuidh feadhainn d’ ar luchd teagaisg aig an robh beachdan cothromach mu ’n chùis so, agus a h-uile urram dhoibh! Ach mu ’n mhòr chuid nach e an t-atharrach a tha f[?]. Nach ’eil e fìor gu ’n rachadh ar maighstirean-sgoil ’s ar ministeirean do na bailtean mòra a dh’ ionnsachadh air son an dreuchd, gu ’n lionadh iad an cinn de fhaoineis nan Greugach ’s nan Ròmanach, agus ’n uair a thilleadh iad air an ais do na Glinn ’s do na h-Eileanan gu ’n tugadh iad taobh fuar na còmhla dhoibhsan a bha gleidheadh meas air Bardachd ’s air Ceòl an Dùthcha? Tha bhuil ann. Thug iad Litreachas ’nan Gàidheal gu beag meas aig baile, ’s gu tur thàir air Ghalltachd. Ach nach ’eil latha ’s fheàrr a’ briseadh? Tha a’ Ghàidhlig is Litreachas nan Gàidheal a’ togail an cinn. Tha Sgeulachdan nan Sluagh ’g an leughadh a nis le daoine foghluimte an t-Saoghail, cha ’n ann mar Eachdraidh a tha uile fior, no idir mar sheanachas gun bhrìgh, ach mar thigh-tasgaidh a ghleidh beò, am measg iomadh ni air bheag feum an sid ’s an so, gràn a’s luachmhoire na a chudthrom de’n òr. Anns an t-seadh so tha na Sgeulachdan Gàidhlig thar tomhais fiachail, agus tha an luach air aideachadh leis na Sgoilearan a’s àirde fòghlum. Thuirt an Gearmailteach, Zimmer, o chionn ghoirid, gu ’n do ghléidh an Gàidheal, ’na Sgeulachdan, a sheana bheachdan, a gheintlidheachd, na ’s gloine na Fine eile ’s an Roinn-Eòrpa. Tha an duine comasach, Alfred Nutt, is iomadh saoi eile, a’ ruilleadh ’s a’ criathradh nan Sgeulachdan Gàidhealach is Sgeulachdan rìoghachdan eile; a’ gleidheadh an t-sìl gu cùramach ’s a leigeil a’ mhuill leis a’ ghaoith. Agus dìreach mar a théid an Cànanaiche ga maith dlùth air innseadh dhuinn mar a labhradh màithair nam fineachan so, mu ’n do sgaoil an teaghlach gacha leith ’s gacha taobh, le bhi toirt sheann fhacal gach cànain dhiubh fo ghlone-amhairc, innsidh an Sàr so eile dhuit, le bhi coimeas r’a chéile Sgeulachdan nan Sluagh fa leth, roinn mhòr de bheachdan, de chleachdadh ’s de chreideamh do shinnsearachd mu ’n do dhealaich Gàidheal is Gall, Greugach is Ròmanach, Sclàbh is Innseanach a choimhlionadh an dàin air faiche mhòr an t-saoghail. Do ’n Charsalach cha robh ann an Sgeulachdan nan Tuatha Dé, nan Curaidhean, ’s nam Fianntan ach “Eachdraidhean diomhanach, buaireanta, breugach, saoghalta.” Tha meas eile orra an diugh. ’Nan cainnt dhoilleir chi am fear d’an léir, ach mar troimh ghloine, an Gaidheal ag itheadh ’s ag òl, ’na shuidhe ’s ’na luidhe, aig obair ’s ’na thàmh, ri cogadh ’s ri suiridhe, cian mu’n do chuir e cas riamh ’s na h-Eileanan so. Tha e gun teagamh ’na chromadh-cinn dhuinne gu bheil barrachd meas aig coigrich air ar Litreachas na tha aig ar sluagh fhéin. Nach iongantach an gnothach, nach fhaodainn a ràdh, nach nàrach an gnothach, gu ’m feum maighstirean-sgoil is ministeirean Gàidhealtachd na h-Alba bhi air an teagasg ’s air an ceasnachadh ann an Eachdraidh ’s an Cànainean na Roinn-Eòrpa, marbh is beò, ach a mhàin ann an Eachdraidh ’s an Cànain an t-Sluaigh a tha iad r’ a theagasg? Ciamar a’s urrainn fìor dhuinealas no féin-mheas a bhi beò am measg Sluaigh fhad ’s a bhios cùisean mar so? Saoilidh mi nach aobhar uaill do ’n mhaighstir-sgoil no do ’n mhinisteir Ghaidhealach gu bheil e na ’s eòlaiche air euchdan Ercoil na tha e air euchdan Chuchulainn, gur fhearr leis Dido na Deirdre, gu bheil Horace aige air a theangaidh ’s nach leugh e smid de Dhonnachadh Bàn. Na nithe so bu chòir dha a dheanamh, ’s gun na nithean ud eile fhàgail gun deanamh. Nan robh ’s àm a dh’ fhalbh, barrachd meas aig ar luchd teagaisg air Litreachas an t-sluaigh bhiodh Gaidheil an là diugh na b’ fhòghluimte na tha iad agus an neò-ar-thaing cho stuama. Cha’n ann a chionn gur e Litreachas a’ Ghaidheil is taitniche tha ri fhaotainn, ach a chionn gur e is taitniche dhasan. “’S ann air [?]gillinn fhìn a gheibhinn am blas,” their an Leodhasach. Air mo shon fhein dheth, abradh na Carsalaich mar thogras iad, cha bu mhaith leam gu ’n biodh mo chlann fhein no clann nan coimhearsnach gun iomradh chluinntinn air Bodach an Spilgein, air Gìgein is Guaigein, air Murachadh is Mearachadh ’s air Uirsgeil eile de’n t-seorsa. Eachdraidh is Cànain is Litreachas do dhùthcha! Ged bhiodh do cheann cho lan de dh’ eolas ’s a tha an ubh de bhiadh, cha ’n ’eil thu ach air t’ fhior-dhroch-ionnsachadh mur h-aithne dhuit iad. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. I. BHO chionn iomadh bliadhna air ais, bha bothan beag, bòidheach ri fhaicinn ann an gleannan àillidh, gorm, aim an cearn àraidh de Ghàidhealtachd na h-Alba. Air gach taobh bha na beanntaibh gruamach a togail suas an cinn aosda ri nèamh, comhdaichete gu ’n guallaibh le fraoch mìn, cùbhraidh, gorm. Seasamaid air mullach Creag na h-Iolaire, far am faic sinn fad agus farsuinn, ’s chì sinn na cnuic mu ’n cuairt cho beò ’s cho gluasadach ri tom sheangan. Tha ’n so againn luchd-àitich ùr tir an fhraoich—caoirich mhaola agus féidh—a chuir air fogradh do dhùthchannan céin iomadh gaisgeach, ’s a dh’ fhuadaich an òigridh do bhailtean mòra, dubha nan Gall, gu seargadh agus seachdadh ann an toit a ghuail, ’s far nach cluinn an cluas ach Beurla cho cruaidh ris na sràidean air am bi iad ag imeachd. Mas e mac-talla fhéin, a b’ àbhaist a bhi freagairt cho toilichte luinneag nan òighean uallach, leis ’m bu ghnaths a bhi cuallach nam bò, ’s gann a chluinneas fear-siubhail nan stuc an diugh gu ’n robh leithid ann riamh—theich e air falbh gu buileach, air neo ’s docha gun do bhàth e e-fhein, leis cho sgìth ’s a dh’ fhàs e de mhèalaich nan caorach, de chomhartaich nan con, ’s de mhionnan a chiobair. Ach gu tilleadh thun a bhothain a dh’ ainmich mi. Chì sinn gluasad neo-abhaisteach m’ an cuairt da, air a mhadainn ghrianach, chiùin so, air an do dh’ fhosgail mo sgeul. Chì sinn boirionnach còir, le currachd pleatach, geal ma ceann, air a bheil coltas trom-inntinneach gu leor, a mach ’sa steach an drasda ’sa rithist le aodaichean air an ùr-nighe ’gan cur air tiormachdadh air a chnocan ghorm air chul an taighe. Ma sheallas sinn gu dluth air an t-seana bhean chòir, chì sinn iomadh deur a tuiteam o ’sùilean air gach bad aodaich a tha i laimhseachadh; agus cha ’n ioghnadh, oir buinidh iad d’a h-aona mhac, Aonghas, a tha dol ga fàgail air an ath mhaduinn, a dol gu ruig’ America a chosnadh a lòin ’sa dh’ iarraidh an fhortain a bha doirbh fhaotainn ann an dùthaich a bhreith agus àraich, gu h-àraidh mar a bha i air a riaghladh ’san àm. Ged a tha Alba beag, ’s iomadh mìle acaire torach, a chuid a’s fhearr ’s a’s beartaiche dhe ’fearann, far am faigheadh na ceudan lòn, a tha gun fheum an diugh mar a bha iad ’san àm ud. Na frithean airson spòrs aig na tighearnan criosdail ud, a shaoileas, ma chromas iad, gu ’m brist an druim, ’s nach do choisinn aon a bhiadh riamh le fallus a mhala, ’s aig am bi luchd-frithealaidh gus an cìreadh ’s a slìbeadh, ’san aodaichean a chur umpa, ’s am brògan a cheangal. Fhir mo chridhe, nach doirbh a chreidsinn nach fhearr a chreadh as an d’ thainig na colunnan riomhacha, pròiseil so, na chreadh as an d’ thàinig seann cholunn Iain Chaidsear bhochd! Ach biodh aca ’n drasd. Cha robh gille ’san dùthaich bu thlachdmhoire na Aonghas Donn Ghlinn Fraoich, mar theirteadh ris. B’e aona mhac athar ’sa mhàthar—corr agus sia troidhean air àirde, ’s bodhaig lionte, dheas air a reir—falt faochagach, donn, ’s aghaidh ghlan, shoilleir, le sùilean gorm-ghlas, anns am faicteadh fìrinn ’us onair a dearrsadh. A dh’ aon fhacal, fìor Ghàidheal! aon de ’n t-seorsa nach geilleadh do dheich mìle fichead bonn òir, co-dhiu ’s e prionnsa no baigear a ghabhadh e os laimh a dhion. Bha Aonghas na ghille treun, foghainteach, agus ’s iomadh sgeul a bha ri aithris m’a neart ’s m’a euchdan ’s a ghleann. Ciamar, an uair a bha ’n Gall mor, a bha fuireach an Taigh-a-bhealaich, a cur sios air a’ Ghàilig le aineolas, ’s ri bòsd nach fhac’ e mac Gàidheil riamh a chuireadh a dhruim ri talamh, a dh’ eirich Aonghas air a shocair ’s thuirt e ris: “Feumaidh gur h-ann dùinte ’bhiodh do shùilean, ma tha fradharc annta, ’n uair a bhiodh tu làthair Ghàidheal. Ach, a charaid, sheall thu ormsa an drasd’, agus tha mi smaointean gu ’m fac’ thu mi, agus is mac Gàidheil mi,”—’sa breith air chul amhaich ’s air mhàs briogais air, sheol e dusan slat e a mach air an lon-dubh a bh’ air beulaobh an taighe, ag ràdh aig a cheart àm—“So, a laochain; mar a bheil do dhruim a nis ri talamh tha do bheul ris co-dhiu, ’s cha ’n e am fear is glaine. Sin agad an leaba fhreagras air an treubh do ’m buin thusa, a bhios a cur sios air cainnt a bha caoin, abuich mu ’n robh ’chainnt do ’m buin a phrabalais a th’ agadsa air a cruthachadh.” Cha chuala mise co-dhiu dh’ eirich an Gall mor as an leabaidh chùbhraidh ud gus nach do dh’ eirich—mar do dh’ eirich tha e ann fhathast. (Ri leantuinn.). Am fear a labhras olc mu ’mhnaoi, tha e ’cur mi-chliù air fhéin. Am fear a ’s luaithe làmh ’s e ’s fhearr cuid. Am fear aig am bi ìm gheibh e ìm. [TD 363] [Vol. 9. No. 47. p. 3] Turus-cuain gu America. THA a’ bhean chòir o’n d’ fhuair mi an eachdraidh ghoirid a leanas, agus o ’m faotainn iomadh sgeul ghasda eile fhaighinn, a comhnuidh anns a bhaile so. Agus cha ’n ’eil ni sam bith an so ach ni air am bheil cuimhn’ agus beachd aice fhein air fhaicinn. Cha leig mi leas a dhol ga h-ainmeachadh; ach o’n a tha i na mnaoi fhìrinneach, thuigseach, cha leig leughadair sam bith teagamh a chur ann an aon fhacal dheth na tha sgriobhte. Tha mi ’ga toirt seachad mar a dh’ innis i-fhein i. D. Bha mi na m’ nighinn òg a fagail mo dhùthcha, Uidhist a Chinn-a-tuath, agus cha téid e gu bràth as mo chuimhne. Thainig tinneas agus bàs mo dhìslean orm o’n uair sin, ach cha d’ ràinig ni riamh mo chridhe cho goirt ’sa ràinig a bhi dealachadh ris an fheadhainn a chaidh m’ àrach òg nam measg. Smaoinicheadh sibhse dé cho cruaidh ’sa ràinig e m’ athair ’s mo mhàthair òrdachadh a mach as an taigh, le naodhnar de chloinn bhig, laig, gun aobhar sam bith ach gu robh iad a deanamh dachaidh do mhinistirean na h-Eaglais Shaoir, an àm dealachadh nan eaglaisean. (Ghabh am maor ’s am bàillidh so mar leithsgeul, a chionn bha am maor ag iarraidh na croit air an robh m’ athair). Nuair a thainig an siorram dh’ fhaighneachd e c’àite robh m’ athair, agus thuirt e gun robh sumanadh aige o’n bhàillidh gu ’m feumadh an taigh a bhi réidh aige ann an naodh latha dh’ ùine—gu ’n robh am maor a bh’ aig a bhàillidh a dol a dh’ fhaighinn an taighe agus an àite. Thuirt am fear a thainig leis an t-sumanadh gun robh e duilich an t-àite thoirt o fhear an taighe, ach gur e coire na mnatha a bh’ ann: gu robh i falbh le leabhar fo ’h-achlais air feadh na h-oidhche dha na h-uile coinneamh a bh’ ann, feuch co fiod a gheibheadh i a chuireadh an ainm ris an Eaglais Shaoir; agus bha am maor ga chùnntas ’na cheannairc dhith so a dheanamh. “Tha mise cearta coma, a Ruairidh,” ars’ ise, “dé a their am maor agus am bàillidh. Cha dubhairt mo chompanach riamh rium gu ’m bu bhean cheannairceach mi. A mheud agus na rinn mi,” ars’ ise, “’s ann airson meud mo ghràidh do Dhia agus d’a aobhar a rinn mi e.” “O, ma ta,” ars an siorram, agus e tionndadh, “bha thu gle ghòrach. Theid do chuir air fògradh do dh’ America airson do dhòigheannan.” “Tha mise, ’Ruairidh,” ars’ ise, coma co dhiu,”—agus i breth air sop connlaich bhar an ùrlair—“cha ’n ’eil an fhiach ud agamsa ma dheidhinn sin. ’S fhearr leam aobhar Dhia a sheasamh na sin. ‘’S treise Dia tha chomhnuidh shuas Na fuaim nan uisge garbh, ’S treise Dia na sumainnean Na tonnan cuan gu dearbh.’” Chuireadh a sin as an teine air a beulaobh fhein ’s a cloinne. B’ fheudar dhith an uair sin a dhol agus fasgadh a ghabhail an taigh a h-athar, gus am faighteadh soitheach deiseil a bheireadh tarsuinn a chuain sinn. Am fear a dh’ fhastaidh sinn gus ar toirt gu America, cha ’n fhaigheadh e soitheach a bheireadh a nall sinn. Falbh dh’ fheumamaid, oir cha ’n fhaigheadh sinn àite fasgaidh anns an dùthaich. Thachair am fear a dh’ fhastaidh sinn ri soitheach ann an Glasacho a mhuinntir Pictou, an Nobha Scotia. Ghrad chòrd e ris an sgiobair na luchd-turuis a thoirt a nall. Sheòl e leis an t-soitheach á Glasacho gu ruige Loch-na-madadh. Fhuair sinn rabhadh anns a mhionaid gu feumadh sinn a bhith air bòrd an t-soithich anns a mhadainn a màireach. Cha ’n iarrainn fios a bhith aig duine beò air cradh ar cridheachan an oidhche sin. Agus tha agam ri innse dhuibh nach robh mo chridhe riamh na bu ghoirte na bha e an latha sin, a dealachadh ’s a fàgail na dùthcha anns an deachaidh m’ àrach, agus ri càirdean dìleas m’ òige—agus cha do thachair càirdean riamh a bu bhàigheile agus a bu dìlse ri chéile na càirdean na h-òige. Dh’ fhalbh na càirdean gaoil comhladh ruinn agus chuir iad an oidhche bha sin seachad air bòrd ’san t-soitheach. Aig naodh uairean anns a mhaduinn dh’ eubh an sgiobair gu ’n robh an soitheach gu seòladh, ’s na bha falbh a dh’ fhuireach air bòrd ’s na bha gu tilleadh iad a thilleadh. Bha aon bhoirionnach air bòrd anns an robh mo chridhe ceangailte. Bha fhios aig m’ athair air a sin, agus chuir e am falach mi, mar a bha e-fhéin a smaoineachadh; ach, co-dhiu, fhuair mi ’mach gu robh iad a dol gu tìr. Ghabh mi suas gu clar-uachdair an t-soithich, agus chunnaic mi ann am bàta beag ri ’taobh am boirionnach so. Thog mi mo làmhan gus mi-fhéin a thilgeadh g’a h-ionnsuidh, ’s gun mi tuigsinn gu ro mhath c’àite ’n robh mi, agus thuit mi anns a mhuir. Thog mate an t-soithich air dhruim mi as an uisge, agus chrath e mi. Cha mhor nach do chuir e á cochull mo chridhe mi; oir b’e sud a cheud fhacal Beurla a chuala mi riamh. Sheòl an soitheach an uair sin agus ghabh i troimh Chaolas na Hearradh, oir bha sin moran na b’ aithghearra dhith. Bha m’ athair ’na sheasamh air clar-uachdair an t-soithich an uair a bhi i seòladh seachad, agus dh’ eubh e ris an fheadhainn a bha sios gu h-iosal, neach sam bith a bha ag iarraidh an sealladh mu dheireadh de na h-Eileanan Gàidhealach fhaicinn tighinn a nuas. Chaidh sinn suas, agus chitheamaid anns an àirde ’n iar-thuath mar gu ’m biodh eun mor, dubh. B’e sin Eilean h-Iort. Bha an sin naodh na deich a lathaichean againn de shide bhriagha, [?]iodh iad a marbhadh éisg a’ tighinn air an rathad. Ach thionndaidh an sin latha agus oidhche glé stoirmeil. Ann am meadhon na stoirme ghabh an soitheach teine, far an robh barailtean aca ann an toiseach an t-soithich a bha làn tearra. Theab na bha air bòrd a dhol as an ceann leis an eagal. Chluinnteadh ràn nam boirionnach mìltean air astar. Bha gillean tapaidh air bòrd agus thilg iad pasg mor de dh’ aodach sheol a bh’ aca air muin na lasaig. Chuir sin an lasag ni bu lugha, gus an d’ fhuair iad a chuir as le uisge. Ge b’e air bith mar a thachair e chaidh an soitheach aig an àm so beagan bhar a cùrsa. Thug iad an aire do shoitheach a’ seòladh ri taobh na h-àirde ’n iar-dheas, agus dh’ eubh an sgiobair riutha gu ’m biodh e nan comain nan innseadh iad c’àite ’n robh e. Fhreagair an soitheach eile gun robh sinn direach a tighinn gus na ceud bhancaichean—bancaichean an iasgaich an Ceap Breatunn. Bha an uair sin an sgiobair air ais ’s air adhart timchioll ann an sin. Mu dheireadh thuirt feadhainn dhe na bh’ air bòrd gu ’n robh iad a faicinn fearainn, agus dh’ iarr iad air an sgiobair stiùireadh dìreach an rathad a bha iad a faicinn an fhearainn. Rinn e sin. Agus eadar sin agus meadhon latha chaidh iad cho dlùth ’s gu ’m faiceadh sinn feadhainn a ràcadh feòir. Cha ’n ’eil mi cinnteach gus an latha ’n diugh gu de am fearann a bh’ ann. Ach, co-dhiu, chuir an sgiobair a mach do ’n chuan mhor i, agus bha na bh’ air bòrd gu math feargach ris. Cha ’n fhaca sinn fearann an uair sin gus mu mheadhon latha an la-iar-na-mhàireach. Stiùir e an uair sin a stigh i, agus thuirt na bh’ aird bòrd ris nach robh chridh’ aige a cur a mach dh’ an chuan tuilleadh. Cha robh i fad sam bith ann an sin ’nuair a thainig duine air bòrd (pilot) airson a stiùireadh a stigh. Stiùir am fear sin a steach i mu choinneamh a Bhar (Sidni Tuath) agus chuir i acraichean a mach ann a sin. Cha ’n fhaigheadh duine beò againn gu tir gus an tigeadh doctair air bòrd. Nuair a thainig esan air bòrd thuirt e nach robh aona chnead bochdainn ’nar measg, agus thug e an uair sin cead dhuinn a dhol gu tìr. Bha am feasgar air fàs cho goirid ’s gu ’n d’ thug bàt’ aiseig bheag a bha ruith eadar Sidni agus am Bar air bòrd sinn. Ghabh sinn an oidhche sin tàmh ann an Sidni, far an robh sinn gus an la-iar-na mhàireach. Bu mhath leam fhaighinn a mach co fiod a th’ againn an diugh anns a chearna so a dh’ fhuilingeadh a leithid a gheur-leanmhuinn. Dhealaich a dhithis nighean ri mo sheanair—bha iad air an cur air falbh comhladh ruinne—agus leis cho cruaidh ’sa ghabh an seann duine dealachadh a dhithis nighean le ’n teaghlaichean ris, ghabh e an leaba an latha sin, agus an ceann na seachdain bha iad ga thiodhlacadh. Bhrist a chridhe. Faodaidh sibh a thuigsinn leis a sin gu dé cho cruaidh ’sa bha e air daoine a bhith air an cur air fògradh do dh’ America. ’S math nach ’eil a leithid a gheur-leanmhuinn againn ann an so an diugh. Mar a tha an sean-fhacal ag ràdh:— “Am maor agus am bàillidh, Am bàillidh ’s am maor, Ge cruaidh reachd a bhàillidh, ’S e shàraich mi am maor.” Fhuair am maor an taigh agus am fearann—’s e sin uile gu leir na bha e ’g iarraidh. Ach cha b’ fhad a mheal e iad. Cha robh sinne fad air falbh nuair a thainig fiabhrus a bha glé mharbhteach dh’ a thigh, agus chuir e mach triùir as deigh a chéile—da mhac agus nighean—a dh’ fhalbh leis an fhiabhrus sin. Bhàsaich e fhein as an deigh. Bha a leithid a ghràinealachd tinneis anns an taigh agus nach fhaighte duine a rachadh a stigh a bheireadh a chorp as. ’S doctair a mheantric a steach agus a thug an corp a mach as an tigh. Sin agad mar tha an Tighearna a beantuinn ris an duine nach gluais a réir ceartais. Am Madadh Ruadh ’s an Gobhar Glas. Bha ’n sud ann gobhar ghlas, ’s bha minn aice; ’s ma bha chaidh am madadh ruadh latha timchioll orra, ’s rug e orra, ’s mharbh e iad, ’s dh’ ith e iad. Thainig a ghobhar, an so, dachaidh; ’s bha i gu dubhach, brònach nuair a thainig i, ’s gun iadsan air a coinneamh. Ghabh i air falbh, ’s ráinig i taigh a’ mhadaidh ruaidh, ’s chaidh i air mullach an taighe. Dh’ eubh am madadh ruadh: “Co sud air mullach mo bhothain ghruigich, ghraigich, Nach leig goil dha m’ choireachan, ’S nach leig bruich dha m’ bhonnachan, ’S nach leig mo leanabh beag dh’ an tobar?” GOBHAR. “Tha mise, ’ghobhar ghlas, air a toirt as, Ag iarraidh nan tri minneana mìne, ’S am boc tarraghlas, ’S an gille buic.” MADADH RUADH. “Mata, air an talamh a tha fodhad; ’S air an athar as do chionn; ’S air a’ ghrain a tha sios; Nach fhaca mise riamh do chuid meann.” Cha robh eun a bha ’s an ealt nach deachaidh i g’a ionnsuidh; ’s thill i dhachaidh, ’s cha d’ fhuair i iad. Am fear a ghoideadh an t-ubh-circe, ghoideadh e ’n t-ubh-geòidh. Am fear a phòsas bean pòsaidh e dragh. [TD 364] [Vol. 9. No. 47. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, MAIGH 24, 1901. Ged fhuair arm nan Staidean Aguinaldo a ghlacadh, cha do ghlac iad na Philipinich uile, agus tha moran dhiubh fhathast nach eil toileach ùmhlachd a thoirt do uachdaranachd nan Geancach. Tha iad a’ seasamh a mach nan aghaidh, agus tha beanntan agus monaidhean na dùthcha nan daighneachdan cho làidir ’s nach eil fhios nach cum iad an cogadh air adhart àireamh bhliadhnaichean eile. THA na Boerich a’ striochdadh do na Breatunnaich a lion beagan us beagan. Cha mhor gu bheil latha ’dol seachad gun buidhnean dhiubh a thoirt suas. Tha an t-arm Breatunnach fo cheannardachd Chitchener, air a chumail air ghluasad air ais ’s air adhart ann an dòigh cho seòlta ’s cho diorrasach ’s nach eil cothrom air a thoirt do na Boerich an anail a leigeil; tha iad air an cumail air an [?] ’s air an ruaig fad na h-ùine, ’s tha iad a fàs seachd searbh dheth. Tha iad mu dheireadh thall a’ tigh’nn gu bhi creidsinn nach eil feum ann a bhi stri na ’s fhaide, agus ’se ’s dòcha gu ’n dean iad an ùine ghoirid striochdadh gu buileach. THA an Seanalair Sir Eachann Domhnullach air a dhuaisneachadh air son a threubhantais an Africa mu Dheas le dreuchd urramach anns na h-Innsean. Mu ’n teid e do na h-Innsean tha e dol air chuairt do dh’ Alba, far am bheil an sluagh uile, ’s gu h-àraidh na Gàidheil, ag ullachadh air son fàilte chridheil a chur air. Nuair a bha Sir Eachann a’ gabhail a chead de na saighdearan Gàidhealach ann an Africa mu Dheas thug e cliù mor dhaibh air son an cruadail ’s an treine anns a’ chogadh. Bha iad a mach fo theas loisgeach na gréine, fo reothadh cruaidh a’ gheamhraidh, ’s fo dhile uisge air nach eil aithne sam bith againn ’san dùthaich so; bha iad mar bu trice gann de dh’ aodach ’s air dhroch caiseart, gun dion, gun fhasgadh; ach cha do sgithich iad riamh nan dleasdanas, agus rinn iad euchdan a bha gle airidh air sliochd an sinnsir. Tha na Gàidheil, mar a bha iad o shean, cliùiteach air son an treine ’s an gaisge ann a seasamh còirichean na dùthcha, agus tha sinn an dòchas nach tig an t-àm anns nach bi iad cho cliùiteach ’sa tha iad. Ged nach eil an cogadh fhathast thairis ann an Africa mu Dheas, tha an dùthaich a mealtainn tomhas mor de shìth, agus tha daoine dol air ais gu ’n obair. Tha baile Johannesburg air àiteach a rithist; tha an sluagh a bha chòmhnuidh ann roimhe a tilleadh agus a’ gabhail seilbh air na dh’ fhàg an cogadh aca. Thatar an dùil gu ’m bi na mèinnean air an ùr-fhosgladh ’s gu ’m bithear ’gan obrachadh an ùine ghearr cho math ’sa bha iad romh thòiseachadh a’ chogaidh. CHUIREADH crioch, anns an àireamh mu dheireadh, air an sgeul thaitneach a bha “Iain” a’ toirt dhuinn re nan sia miosan mu dheireadh, “O chionn Tri Fichead Bliadhna.” Tha sinn am barail gu ’n do chòrd an sgeul so gu math ris an luchd-leughaidh uile, agus tha sinn a’ creidsinn gu ’n còrd an sgeul a tha tòiseachadh anns an àireamh so a cheart cho math riutha. Bha sinn am mearachd, air dhuinn iomradh a thoirt air an sgeul ùr so roimhe, ’nuair a thuirt sinn nach robh innte ach coig caibidealan. Tha moran a bharrachd air sin innte, agus cha ’n eil sinn an dùil gu ’n abair neach sam bith, nuair a bhios e ullamh dha leughadh, gu bheil aon chaibideal tuilleadh ’sa chòir innte. Ma bha “O chionn tri Fichead Bliadhna” cho Gàidhealach ri fàd mòine, tha “Aonghas Donn Ghlinn-Fraoich” mar sin cuideachd. Guidheamaid uile buaidh us piseach air “Iain” ’s air “Seumas” agus bitheamaid an dòchas gu ’n teid iomadh bliadhna seachad mu ’n laidh meirg air am pinn. O CHIONN còrr us tri fichead bliadhna bha an ceathramh latha fichead dhe ’n Mhàigh air a chumail air fad ’s air leud na h-Impireachd Bhreatunnaich mar latha-breth na Banrigh. Agus ged nach eil ise do ’m bu latha-breth e an diugh ann an tir nam beò, tha e ’na aobhar toileachaidh gu bheil an latha ri bhi air a chumail mar bha e roimhe, agus fo ’n ainm Latha Victoria. Rugadh Righ Iomhar air an naodhamh latha de Nobhember, agus a reir cleachdaidh bhiodh an latha sin air a chumail saor fhad ’s a bhiodh e rioghachadh; ach air iarrtus féin tha an ceathramh latha fichead ri bhi air a chumail ’na àite. Cha mhor de chuid iochdarain nach mol e air son sin a dheanamh; oir tha iad uile meas gu bheil banrigh a rioghaich air impireachd cho mor ri Breatunn ùine cho fada, agus air dhoigh cho ionmholta ’sa rinn Victoria, airidh i air a h-ainm ’sa cliù a chumail air chuimhne. Agus so aon dòigh air an gabh sin deanamh, latha a chur air leth a bhios air a choimhead saor, o bhliadhna gu bliadhna, anns gach cearna de ’n t-saoghal ’s am bheil bratach Bhreatuinn a’ crathadh ri crann. Agus tha so air a chur ’nar comas a nise gun latha eile chur ri àireamh nan lathaichean saora, a tha, a reir barail a mhor cheud de’n t-sluagh, lionmhor gu leòr mar a tha. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,980.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 365] [Vol. 9. No. 47. p. 5] Naigheachdan. Chaidh an stor McDonald, Hanrahan & Co. ’na teine maduinn Di-satharna s’a chaidh, agus rinneadh call mor air an togalach ’s air a’ bhathar. Thatar a deanamh a mach gur e cur na teine rinneadh. Chaidh soitheach smùide mor a chur a dhìth faisg air Australia deireadh a mhios Màrt, agus bha da dhuine dheug air fhichead air an call leatha. Chaidh soitheach eile a chall leis an stoirm cheudna air an robh sia duine deug. Chaidh triùir dhaoine a mharbhadh ann an St. John, N. B., Di-haoine s’a chaidh le simealair air an robh iad ag obair a thuiteam orra. Bha an simealair 107 troigh a dh’ àirde, agus ann am muillean-sàbhadh. Bha e gu math sean, agus bha na daoine ’ga ghlanadh a mach air son linigeadh ùr a chur ann, nuair a thuirt e orra. Ged tha sinne air an taobh so de ’n chuan a mealtuinn sìde bhriagha, tha muinntir na h-Alba a’ gearain cho fliuch fuar ’sa tha an t-sìde a’ fuireach anns an dùthaich sin. Air a mhios a dh’ fhalbh cha robh ach fior chorra latha briagha aca ann an Alba, agus tha aon de na paipearan Gàidhealach ag radh nach robh am mios Màrt cho fuar o chionn iomadach bliadhna ’sa bha e air a bhliadhna so. Bha D. R. Cuimein air an t-seachdain s’a chaidh air fheuchainn air son mionnan eithich. Bha e air a thoirt gu cùirt le aon dhiubhsan a bha mu dheibhinn a chur an greim roimhe air son feuchainn ri airgead-brìb fhaotainn, agus bha a chùirt air a cumail air beulaobh fir-ceartais ann an Sidni Tuath, A. R. Forbeis. B’ e bhreth a thugadh air an sin gu feum e seasamh aig a’ Chùirt Mhòir air an ath mhios. Nuair a fhuair na liberals air ceann riaghladh na dùthcha an 1896, bha an àireamh bu mhotha de bhuill an t-Senate de ’n chreud eile, agus caochladh uairean uaithe sin chuir iad dragh agus iomguin nach bu bheag air na cumantaich, a cur stad air cuid de na reachdan a bha iad deònach a dheanamh, agus air dòigheannan eile. Ach a so a nach cha bhi an cothrom sin aca. Re nan coig bliadhna dh’ fhalbh, chaochail àireamh mhor de na seanairean, agus cha robh àite bha mar sin air fhàgail falamh nach robh air a ghrad lionadh le liberal. Tha an da phairtidh anns an t-senate a nise mu’n aon neart, agus air a bhliadhna s’a tighinn tha aohhar a bhi creidsinn gu ’m bi iadsan a tha air taobh an riaghlaidh air an fheadhain a’s treasa. Tha muinntir a tha ’gabhail orra gu bheil fios aca ag radh gu bheil na treineachan air an t-samhradh so ri bhi falbh ’sa tighinn mu ’n aon àm ’sa bha iad air an t-samhradh an uiridh. Bidh beagan atharrachaidh air a deanamh a thaobh Sidni us Sidni Tuath leis am bi e comasach do luchd-turuis tighinn us falbh á Sidni gun a bhi aca ri dhol a stigh ’sa mach á Sidni Tuath. Ruithidh a’ cheud trein gach latha a mach ’sa stigh á Sidni Tuath, agus bidh luchd turuis Shidni air an toirt a dh’ ionnsuidh an junction ’sa mhaduinn ’s air falbh uaithe feasgar le trein eile. Ruithidh an dara trein-an trein luath—direach á Sidni, agus bidh trein á Sidni Tuath ’ga coinneachadh aig an junction. Air an dòigh so bheirear tomhas riarachaidh do mhuinntir Shidni gun a bhi deanamh eucoir sam bith air muinntir a bhail’ eile. Nuair a thoisich cuideachd an iaruinn air an obraichean a chur air adhart ann am Sidni, bha còrdadh air a dheanamh ris a bhaile gu ’m biodh tri millean dolair air a chosg ris an obair a’ cheud bhliadhna. Chum iad ris a’ chòrdadh sin gu math; bha ceithir millean dolair air a chosg mu ’n do ruith da mhios dheug an deigh do ’n obair tòiseachadh. Tha an eaglais Chléireach aig Whitney Pier a toirt gairm do ’n Urr. A. I. Domhnullach, ministeir Lochabar, N. S., agus tha làn dhòchas aca gun gabh e ris a ghairm. Fhuair an t-Urr. Domhull Mac-Odrum, Marion Bridge, gairm á Sussex, N. B., ach dhiùlt e am paraiste ’sam bheil e fhàgail. Tha Mr Mac-Odrum na dhuin’ òg a tha gle ghealltannach, ’na shearmonaiche math Beurla ’s Gàilig, agus bhitheamaid duilich fhaicinn a fàgail na cléire ’s am bheil e. Tha Alasdair Mathanach, post-mhaighstir a bhaile so, a dol a thoirt cuairt do ’n t-seann dùthaich air an t-samhradh so. Bidh e falbh an ceann beagan lathaichean. Theid e an toiseach dh’ ionnsuidh an exhibition ann an Glasacho, agus an sin bheir e sgriob troimh ’n Ghàidhealtachd agus do bhailtean mora na h-Alba. Tha MAC-TALLA ’guidhe turus math agus tilleadh slàn, fallain dha, agus an dòchas gu ’m bi e làn riaraichte le chuairt-samhraidh do thir nam beann. Bha àireamh mhor de bhuill na h-àrd-phàrlamaid o chionn da bhliadhna a’ cur impidh air an riaghladh an tuarasdail àrdachadh o mhile gu coig ceud deug dolair ’sa bhliadhna. Bha Sir Wilfrid Laurier an aghaidh so an toiseach, ach tha e nise ’n deigh aontachadh ris, agus o so a mach bidh gach ball de Thigh nan Cumantach agus de ’n t-Senate a’ tarruing coig ceud deug dolair ’sa bhliadhna, a tòiseachadh leis a bhliadhna so fhéin. Cuiridh so seachd fichead seachd mile dolair ($147,000) ’sa bhliadhna ri cosguis na dùthcha. Tha Mac-Fhionnlaidh, ard-uachdaran nan Staidean aig an àm so a’ cur cuairt air an dùthaich mhoir sin. Chaidh e air tùs do na Stàidean a Deas, agus as a sin chuir e ’aghaidh air an àird an iar; tha e air an t-seachdain so an California. Bha e air a chumail air ais gu mor air an t-seachdain s’a chaidh le a bhean a bhi tinn; bhatar an dùil deireadh na seachdain nach rachadh i am feobhas, ach toiseach na seachdain so bha i air a dhol beagan na b’ fhearr. Thatar a’ cur fàilte chridheil air Mac-Fhionnlaidh anns gach aon de na bailtean a tha e taghal. Tha baile Holyoke, am Massachusetts, d’am buineadh an t-Eadailteach Alberto a chaidh a ghlacadh air son mort ann an so am mios September s’ a chaidh, a nise deiseil gus an duais a thairg iad air a shon—coig ceud dolair—a phàigheadh. Chaidh Alberto a ghlacadh le MacEachairn, ard-mhaor a bhaile so, agus tha esan ag agairt còir air an duais. Tha aon de na cléirich aig cuideachd an iaruinn ag agairt còir air pàirt de’n duais, ag radh gu ’n d’ thug esan fiosrachadh do ’n mhaor a chuidich e gus am mortair a lorgachadh, ach tha Mac-Eachairn ag àicheadh sin, ’s ag radh nach d’ rinn e ach ceist no dha a chuir esan air a fhreagairt nuair a bha e ’g amharc air a shon mu ’n obair. Cha phàigh baile Holyoke an duais gus an tig am maor ’s an cleireach gu còrdadh, agus mur tig iadgu còrdadh ’se ’s dòcha nach bi i air a pàigheadh idir. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 366] [Vol. 9. No. 47. p. 6] Sgeulachdan Arabianach. PRIONNS’ ALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH. CAIB. II. BHOIDICH Alasnam gu ’n deanadh e mar a bha ’mhathair a’ comhairleachadh dha. Dh’ aontaich e mar an ceudna gu ’n eisdeadh e ri comhairle nan daoine glice a shuidhich i mar luchd-riaghlaidh, agus gu ’n deanadh e mar a dh’ iarradh iad a bhith deante. Ach air an oidhche sin fhein chunnaic e an seann duine as a chadal an treas uair, agus thuirt e ris, “Thainig àm do shoirbheachaidh, a phrionnsa threun. Cho luath ’s a dh’ eireas tu ’s a’ mhadainn, bheir thu leat piocaid, agus theid thu do ’n t-seomar a bh’ aig d’ athair; agus an uair a chladhaicheas tu fo ’n urlar gheibh thu ionmhas gun choimeas ann.” Cha bu luaithe dhuisg e na ghrad chaidh e do’n t-seomar anns an robh a mhathair, agus, le foghail mhoir, dh’ innis e dhi mu ’n aisling uir a chunnaic e. “Gu dearbh fhein, a mhic,” ars’ a mhathair, agus fiamh gaire oirre, “tha ’n seann duine suidhichte gu ’n toir e ort a chomhairle ghabhail. Cha ’n fhoghnadh leis do mhealladh da uair mar tha. Am bheil thu ’dol g’ a chreidsinn an treas uair?” “Cha ’n ’eil, a mhathair,” ars’ esan. “Cha’n ’eil mi ’cur suim sam bith anns na thuirt e rium; ach gus mi fhin a thoileachadh theid mi chladhach urlar an t-seomair a bh’ aig m’ athair.” “[?] an anail a leig smaointean gur ann mar sin a bhitheadh,” ars’ a mhathair agus i deanamh gaire cridheil. “Bi falbh, a mhic; toilich thu fhein. Tha mi toilichte nach ’eil an obair cho sgitheil ri dhol gu ruige an Eiphit.” “Ma ta, mhathair,” ars’ esan, “feumaidh mi aideachadh gu ’m bheil an treas aisling a’ toirt orm m’ earbsa a chur anns an t-seann duine, oir tha co-cheangal eadar i agus an da aisling eile: gabhamaid beachd air briathran an t-seann duine. Thuirt e rium an toiseach a dhol gu ruige an Eiphit. An uair a rainig mi an Eiphit dh’ innis e dhomh gu ’m b’ ann gus deuchainn a chur orm a thuirt e rium a dhol air an astar ud. ‘Till do Bhalsora,’ ars’ esan; ‘is ann an sin a tha thu gus an t-ionmhas fhaotainn.’ An raoir dh’ innis e dhomh a’ cheart aite anns am bheil an t-ionmhas. A reir mo bharail-sa tha co-cheangal eadar na tri aislingean. An deigh a h-uile rud, faodaidh nach ’eil brigh sam bith anns na bruadair; ach b’ fhearr leam gu mor mo shaothair a bhith gun dad air a son na gu ’m bithinn ri mo bheo a’ cur coire orm fhin a chionn nach do chladhaich mi urlar an t-seomair, agus, ma dh’ fhaodteadh, fortan mor a chall air a shaillibh.” An uair a labhair e na briathran so, dh’ fhalbh e mach as an t-seomar. Fhuaradh piocaid dha, agus chaidh e ’na onar do ’n t-seomar a bh’ aig ’athair. Thoisich e air cladhach an urlar, agus an deigh dha an darna leith dhe ’n urlar a chladhach cha ’n fhac’ e dad de choltas ionmhais. Shuidh e greis a leigeadh analach, agus thuirt e ris fhein, “Tha eagal mor orm gu ’n robh aobhar gu leor aig mo mhathair gaire a dheanamh a’ fanaid orm.” Ach air a shon sin, ghabh e misneach agus lean e roimhe air cladhach. Agus cha robh aobhar aithreachais aige; oir ann an uine ghoirid thachair clach mhor gheal ris. An uair a chladhaich e timchioll oirre, agus a thog e i, fhuair e dorus-falaich foidhpe. An uair a bhrist e a’ ghlas a bh’ air an dorus, agus a dh’ fhosgail e e, chunnaic e gu ’n robh staidhre de chloich ghil mharmoir a’ dol sios fo ’n talamh. Gun dail las e coinneal, agus chaidh e sios do ’n t seomar. Ach ma chaidh, b’ e sin an seomar nach fhac’ e riamh a leithid! Bha ’n t-urlar air a dheanamh de chloich-chreadh cho briagha ’s cho geal ’s a chunnaic duine riamh, agus bha na ballachan agus mullach an t-seomair de chriostal. Thug e an aire gu ’n robh ceithir sgeilpeanan anns an t-seomar, agus gu ’n robh deich poitean de phorphire air gach sgeilp. Bha e ’n duil an toiseach gur e fion a bh’ annta. “Feumaidh gu ’m bheil an fion gu math sean; agus is cinnteach gu ’m bheil e math,” ars’ esan. An uair a thug e an ceann a te dhe na poitean, ciod a b’ iongantaiche leis na gu ’n robh i luma lan de bhuinn oir! Sheall e anns gach te dhe ’n da fhichead poit, agus bha iad uile luma lan de bhuinn oir. Thug e leis lan a dhuirn dhe [?] buinn, agus chaidh e far an robh a mhathair leotha. An uair a chuala ’mhathair mu ’n ionmhas gun choimeas a fhuair e anns an t-seomar so fo thalamh, is ann a ghabh i uamhas. “O, mhic,” ars’ ise, “thoir do cheart aire nach dean thu ana-caitheamh air an ionmhas so mar a rinn thu air ionmhas a’ chruin. Na toir aobhar gairdeachais do naimhdean.” “Cha tabhair, a mhathair,” ars esan, “tha mi ’cur romham gu ’n caith mi mo bheatha ’na dheigh so uam an doigh a chordas ribh fhein.” Dh’ iarr a mhathair air a toirt do’n t seomar iongantach fo shalamh anns an do thaisg an righ nach maireann ionmhas cho mor gun uiread is am fios bu lugha thoirt dhi m’ a dheidhinn. Thug e sios an staidhre mharmoir i do ’n t-seomar anns an robh na poitean lan oir. An uair a bha i ’gabhail beachd le aire agus le ioghnadh air gach ni a bh’ anns an t-seomar, thug i an aire do phoit bhig dhe ’n aon t-seorsa ri cach. Cha d’ thug Alasnam aire dhi gus a sid. An uair a dh’ fhosgail e i cha d’ fhuair e dad innte ach iuchair oir. “A mhic,” ars’ ise, “feumaidh gu ’m buin an iuchair so do sheomar-ionmhais eile. Seallamaid mu ’n cuairt an t-seomar; is docha gu ’m faigh sinn dorus a dh’ fhosglas i.” An uair a bha iad greis mhath a’ mion-rannsachadh chunnaic iad toll iuchrach REIC A MACH AIRGEID THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Ur! Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 367] [Vol. 9. No. 47. p. 7] air dorus a bh’ air a’ bhalla, agus thuig iad ’s a’ mhionad gur ann air a shon a bha ’n iuchair oir. Dh’ fhosgail an righ an dorus anns a’ mhionaid, agus bha ’n sin seomar eile a bha anns gach doigh a cheart cho briagha ris an t-seomar anns an robh iad roimhe. Ann am meadhain an t-seomair bha naoi bun-charraigh oir; agus air barr a h-ochd dhiubh bha iomhaidh air a gearradh a daoimean, agus bha leithid de lainnir asda ’s gu ’n robh an seomar soilleir gu leor. “O, chruitheachd!” ars’ Alasnam. “c’aite an d’ fhuair m’ athair a leithid so de nithean annasach?” Chuir an naoidheamh bun-charragh moran a bharrachd ioghnaidh air; oir bha e comhdaichte le sioda geal air an robh na briathran a leanas sgriobhte: “A mhic mo ghraidh, chosg mise moran saoithreach mu ’n d’ fhuair mi na h-ochd iomhaidhean so; agus ged a tha iad anabarrach maiseach, tha iomhaidh eile anns an t-saoghal a’s maisiche na iad so gu leir, agus a tha mile uair na ’s luachmhoire na iad. Ma tha toil agad greim fhaotainn air an iomhaidh so, feumaidh tu a dhol do bhaile Chairo anns an Eiphit. Tha Mobarec, aon de mo sheann seirbhisich, ’na chomhnuidh anns a’ bhaile ud. Bidh e furasda gu leor dhut fios fhaotainn m’ a dheidhinn. Innsidh duine sam bith dhut far am bheil an taigh aige. Faigh am mach far am bheil e, agus innis dha a h-uile car mar a dh’ eirich dhut. Tuigidh e gur tu mo mhac-sa, agus bheir e thu dh’ ionnsuidh an aite anns am bheil an iomhaidh iongantach ud, agus gheibh thu i gu sabhailte.” An uair a leugh Alasnam na briathran so, thuirt e ri ’mhathair, “Cha bu mhath leam a bhith as aonais na h-iomhaidh ud; feumaidh gu ’m bheil i air a deanamh anabarrach iongantach, o ’n a tha i na ’s luachmhoire na iad so gu leir. Theid mi gu ruige Cairo; cha chreid mi gu ’m bi sibhse an aghaidh dhomh a dhol ann.” “Cha bhi mi ’n aghaidh dhut a dhol ann idir, a mhic,” ars’ a mhathair. “Gun teagamh sam bith tha thu fo dhion ’s fo ghleidheadh sonraichte an fhaidh; agus cha ’n eirich beud dhut air do thurus. Faodaidh tu bhith ’falbh uair sam bith a thogras tu. Gabhaidh mise agus na comhairlich curam dhe gach gnothach a bhuineas do ’n rioghachd fhad ’s a bhios tu air falbh.” Rinn e gach deisealachd a bha feumail air son a thuruis, agus dh’ ghalbh e. Ach cha d’ thug e leis ach beagan sheirbhiseach. Cha do thachair dad sam bith comharraichte dha air a thurus gu ruige Chairo. An uair a rainig e, dh’ fheoraich e mu dheidhinn Mhobarec. Dh’ innseadh dha gu ’m b’ e fear dhe na daoine cho beairteach ’s a bh’ anns a’ bhaile; gu ’n robh e ’caitheamh a bheatha mar a bha na h-ard-uaislean; agus gu ’n robh a thaigh fosgailte do ghnath do gach neach a thigeadh an rathad, ach gu sonraichte do choigrich. Threoraicheadh Alasnam thun an taighe aig Mobarec, agus bhuail e aig a’ gheata. Thainig seirbhiseach g’a fhosgladh, agus thuirt e. “Co thusa, agus ciod a tha thu ’g iarraidh?” “Is coigreach mi,” ars’ Alasnam, “agus o ’n a chuala mi moran mu chaoimhneas do mhaighstir Mobarec, tha mi air tighinn a dh’ fhuireach maille ris.” Chaidh Alasnam a steach troimh chuirt mhoir gus an d’ rainig e talla mor maiseach anns an robh innsreadh ro eireachdail. Choinnich Mobarec e anns an talla, agus chuir e failte chridheil, chaoimhneil air, agus thug e taing dha a chionn gu ’n do chuir e de dh’ urram air na thainig a dh’ fhuireach maille ris. An uair a thug Alasnam taing do Mhobarec air son a’ chaoimhneis a bha e ’nochdadh dha, thuirt e ris, “Is mise mac an righ a bh’ air Balsora; cha mhaireann a nis e. Is e Saidhn Alasnam m’ ainm.” “Bha ’n righ sin ’na mhaighstir ormsa uine roimhe so; agus, mo thighearna, cha b’ fhiosrach mi riamh gu ’n robh clann aige. Co mheud bliadhna tha thu?” “Tha mi fichead bliadhna,” ars’ am prionnsa. “Co mheud bliadhna o ’n a dh’ fhalbh thu a cuirt m’ athar?” “Tha dluth air da bhliadhn’ air fhichead ann,” arsa Mobarec. “Ach cia mar a dhearbhas tu dhomhsa gur tu mac an righ a bh’ air Balsora?” “Bha taigh fo thalamh aig m’ athair fo ’n t-seomar anns am biodh e ’fuireach. Fhuair mise da fhichead poit luma lan oir ann.” “An d’ fhuair thu dad ann ach sin?” arsa Mobarec. “Tha naoidh bun-charragh oir ann, agus air a h-ochd dhiubh tha iomhaidhean daoimein; agus air an naoidheamh bun-charragh tha sioda geal air an do sgriobh m’ athair mu dheidhinn mar a gheibh mi greim air an naoidheamh iomhaidh a tha moran na ’s luachmhoire na na h-ochd eile. Tha fhios agadsa far am bheil an iomhaidh ud; oir tha e air ainmeachadh air an t sioda gu ’m bheil thusa gus mo threorachadh a dh’ ionnsuidh an aite anns am faighear i.” (Ri leantuinn). Am fear d’an dàn an donas ’s ann da bheanas. Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Laoidhean Dhughaill Buchanain .10 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc,. etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 368] [Vol. 9. No. 47. p. 8] Loch-Aic. LE EOGHAN MAC COLLA. A Loch-Aice na gnùis’ chaoin— Gnùis ghabh gaol air a bhi ciùin, ’S air an tric an laidh gath-gréin’ Soilleir mar uchd sèamh mo rùin! ’Oide-altruim mhaith nam breac, Gar an leatsa cath nan tonn, ’S ged nach d’ amais long fo bhréid Air t-uchd réidh rianm chur f’a bonn. ’S leat an eala ’s grinne com ’S i neo-throm air t-uchd a’ snàmh. Eun a’s gile cneas na ’ghrian, Sneachd nan sliabh, no leannan bàird! ’S leat bho Lochluinn a’s bho ’n t-Suain An lach bheag is uaine cùl; ’S tric ’ga còir—’s cha ’n ann ’ga feum, Falach-fead a’s caogadh shùl. ’S leat an luinneag ’sheinneas òigh ’Bleodhan bhò gu tric ri d’ thaobh; ’S leat an duan a thogas òg ’S e g’ a còir a measg nan craobh. Seinnidh e—“Tha cneas mo ghràidh Geal mar chanach tlà nan glac, ’S faileasan a ghaoil ’n a sùil Mar tha nèamh an grunnd Loch-aic. C’àit’ an taitneach leis an earb’ Moch a’s anamoch ’bhi le ’laogh? C’àit’ an trice dorus dearg, ’Fhir nan garbh-chròc, air do thaobh? C’àit’ ach ri taobh loch mo rùin— Far, aig bun nan stùc ud thall, ’S an robh uair mo chàirdean tiugh Ged tha iad an diugh air chall! O air son a bhi leam féin! ’Siubhal sèimh taobh loch nan sgòrr ’Nuair bhios gath na gealaich chaoin, Nuas a’ taomadh ort mar òr. ’Nuair tha duilleach, fochunn, feur, Fo ’n òg-bhraon a’ cromadh fliuch, ’S gun aon rionnag anns na speur Nach ’eil céile dh’i ’na t-uchd. ’Nuair tha ’n cìobair ann a shuain ’Faicinn mada’-ruadh ’na threud, ’S e ’dian-stuigeadh nan con luath Gu bhi shuas mu ’n dean e beud: Sud an t-àm ’s am bi ri d’ thaobh Ceòl a mhath’cheas clis gach crìdh; Sud an t-àm ’san tug thu gràdh, ’Shìne bhàn! do ’n fhilidh shìth. ’Tional ghobhar air dh’i bhì ’N Coir’-an-t-sìth aon fheasgar Màigh, Chualas guth ro-mhilis, sèamh— Shaoil i nèamh a bhi aig làimh. Dh’ éisd i,—’s mar bu mhotha dh’ éisd, ’S ann bu bhinne teud a chiùil; Lean i,—’s mar a b’ fhaide lean, ’S ann a b’ fhaid’ e as, mo dhùil! Rainig i, mu dheireadh, cnoc, Dorus fosgailt air a suas, ’S dh’ fhairich i gur ann bho sin Bhrùchd an ceol bu bhlasda fuaim. “Thig a’s taigh, a Shìne bhàn! Thig, a ghràidh, gun eagal beud; Feuch an oidhche dhubh m’ an cuairt— ’S fada bhuat do dhachaigh féin.” Chaidh i ’s taigh—ma ’s fìor mo sgeul— Thuit i ’n gaol air fear a chiùil! Dh’ òl i ’n deoch bu deoch do chàch, ’S tuilleadh riamh cha d’fhàg i ’n dùn. Bas. —Aig Rathad L’Ardoise, air an ochdamh latha deug de dh’ April, Niall Mac-Fhearghais, tri fichead us ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e ’na dhuine air an robh fior mheas agus cliù anns a’ choimhearsnachd, ni bha air a nochdadh leis an àireamh mhor sluaigh a lean an giùlan dh’ ionnsuidh an àite-taimh dheireannaich, air feasgar an aonamh latha fichead. Chaochail e a cur a làn earbsa. Ann-san a thubhairt. “Bi-sa fìrinneach gu bàs agus bheir Mise dhut crùn na beatha.” The Fairy of the Sleepy Hollow. LE DONULL MAC CALUM. ’S fhada nis on a leig mi dhiom a bhi cuir ris an eachdraidh fhìrinnich so. Cha ’n ’eil mi ’g ràdh gu’n cluinneadh tu an còrr mu déigh mur cuireadh caraid còir am fios so thugam, “Am bheil tuile agad air a’ churaidh chalma, Captain T. Goblets? Tha mi ’an dòchas nach deachaidh e á cnaimh na h-amhach. Bu mhòr am beud gu’n éireadh gu h-olc dha.” Ma tha cuimhn’ agad air na dh’innis mi dhuit bithidh fios agad, a réir a ghealaidh a thug a bhantrach mhòr, Lady Myshrym,dhoibh, gu’n do choisinn an Captain agus The Mac Dodo Henry V. còir air a làmh ann am pòsadh, agus, ged a bu bheag orr’ i, gu’n robh gach fear aca deònach a gabhail mar a bhean g’a cumail o’n fhear eile. Ged a bha gaol mòr aig an lady air “The MacDodo,” air son aobhar math, a b’ aithne dhith féin, ach nach innseadh i dhoibhsan, cha b’urrainn i fear ’s am bith a phosadh. Shaoileadh tusa gu’n robh i mar theirteadh ’s a Bheurta—“Between the horns of a dilemma.” ’N uair a chluinneas tu mar rinn i tha mi cinnteach gu’n abair thu gu’r sgiobalt’ thug i a casan ás. A chiad turus a thàinig Captain G. a choimhead urra bha nighean òg, cho briagh ’s chunnaic thu riamh, mur fac thu Venus, agus air a h-éideadh ann an déise cho àile ’s chunnaic thu riamh, mur robh thu mar their iad, “presented at Court.” ’Se sin ri ràdh na bha air éideadh dhith, oir bha a chuid mhòr dhith, a réir fasan Eubha, luramach. “History repeats itself.” Cha ’n e nach còmhdaicheadh an deis’ i na’m bitheadh i air a sgaoileadh uimpe. Bha i a slaodadh ás a déigh air làr na dheanadh deise mhath. “Captain T. Goblets, my niece the Lady Dora,” deir a bhantrach mhòr. Lùb an Captain a dhruim agus chrom The Lady Dora a ceann. Sin an dòigh uasal. “This dear, sweet lady is my only niece and nearest relative, to whom I will, on the day I will change my name the second time, the bulk of my wealth. She is named after me. I, too, was once upon a time The Lady Dora, and popularly known as she is now as ‘The Fairy of the Sleepy Hollow.’ With that substantial aid to beauty, can you forgive me, my own dear Thomas, if I be not satisfied with any crown less glorious for the fair brow of my darling than a ducal coronet? For myself, I shall be satisfied with what my own beloved will endow me, for he seeks not mine, but me.” Aig cluinntinn siod thuirt Captain T. ris féin, “Dear Thomas, your wisdom is to fall in love at first sight with this young lady, and to leave the great widow on your friend’s, The Mac-Dodo’s, hands.” ’S e siod a’ rinn e. AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 369] [Vol. 9. No. 48. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 31, 1901. No. 48. Am Feasgar. THA ’ghrian a’ sgaoileadh fiamh a glòir, Mar bhrat de ’n òr air bhàrr nam beann; ’S an dubhar sèamh a’ snàmh mar cheò, A’ còmhdach còmhnaird réidh nan gleann. Tha fuaim nan allt mar chòisir chiùil, Le ’n crònan ciùin a’ ruith gu tràigh; A’ sgaoileadh deatach shèamh mar dhriùchd Tha ’g ùrachadh na miltean blàth. Tha eòin nan speur le ’n ceileir binn, A’ tional cruinn fo sgàil nan craobh; Mar iobairt neo-chiontach na sìth, Tha laoidh am beòil gun ghò gun ghaoid. Tha neòil an anamoich oirnn mu’n cuairt, A’ falach uainn an t-soluis àidh; Sguiridh a nis ar saothair chruaidh, Le sùil ri suaimhneas agus tàmh. Mar sin tha beath’ an duine triall, Bho’n ’dh’ éireas grian air ’òige bhos: Gus an tig ’fheasgar aosmhor, liath, Bho shaothair dhian cha’n fhaigh e clos. An neach is fhaid’ tha beò de ’n t-sluagh, Cha’n ’eil ’n a chuairt ach bruadar geàrr, Seargaidh a bhlàth ’s a’ gheamhradh fhuar, ’S cha till a shnuadh air ais gu bràth. O, Thus’ a dhealbh an cruinne-cé, ’S ann dhuit is léir ar cridhe steach, ’S ann dhuit is aithne crìoch ar réis, Thoir dhuinn gu ’n géill sinn dha do reachd. Thoir Thusa dhuinn an dòchas beo, Thoir uainn na sgleòthan faoin nach seas; ’S ’n uair théid ar gairm leat thun a’ mhòid, Gu’m bi ar lòchrain againn deas. NIALL MAC LEOID. “Chi Mi Sin is Fuaighidh Mi So.” LEIS AN OLLAMH DOMHULL MAC-FHIONGHAIN, AN DUNEIDEANN. II. THA na Sgeulachdan Gaidhealach de dh’ iomadh càil. Tha moran diubh mu ’n t-seann Shaoghal air an d’amhairc an sluagh riamh air an ais le sùil cho blàth: Mar ghath soluis do m’ anam féin Tha sgeul na h-aimsir a dh’ fhalbh. Tha cuid de ’n ghnè d’ am bheil Uirsgeil Aesoip ’s a’ Ghréig, no cosamhlachdan an t-sluaigh anns gach àite. ’S ann diubh so Sgeul an Tàilleir. Rinneadh an Sgeul air son teagaisg, air son fìrinn shonruichte a mholadh do ’n t-sluagh. ’S e tha againn an so Searmoin. Agus nach fhaodar a radh, le cead na cléir, am measg gach searmoin fhallan, fhoghainteach, chuimir, ’s gach Searmoin fhada, throm, chadalach a chualas á cùbaidean na Manachainn o dh’ innseadh Sgeul an Tàilleir an toiseach, nach ’eil ach fior bheagan, ma tha aon idir, air an do ghleidheadh cuimhne cho maith. Co-dhiù ’s ann a chionn gu bheil an t-searmoin so cho goirid no gu bheil i cho blasda, cha ruigear a leas fheoraich. Cha saoil mi air aon dòigh gur ann a chionn gu bheil i cho faoin a ghleidheadh air chuimhne i. A dh’ aon chor tha an searmonaiche so làn-eòlach air inntinn, air doighean ’s air beachdan ar luchd-dùthcha. ’S a’ cheum so saoilidh mi gu faodadh cuid d’ ar ministeirean ’s d’ ar luchd-teagaisg leasan ionnsachadh o Sgeul an Tàilleir. O chionn beagan bhliadhnachan bha fìor-charaid dhomh, ministeir cho comasach ’s a tha ’n ar measg, a’ searmonachadh dlùth orm, ’s fhuair mi cothrom air dol g’a éisdeachd. Bha an t-seirbhis taitneach, drùighteach. B’e an stéidh-theagaisg ‘Uchd-mhacachd,’ teagasg a gheibh soilleireachadh air dhoigh ro shònruichte ann an Eachdraidh ’s ann an Cleachdadh nan Gaidheal. Bha e ’na chleachdadh o shean a bhi a’ cur oighre a’ Chinn-chinnidh gu bhi air altrum ’s air àrach ann an teaghlach de’n Chinneadh. B’ e fear-an-tighe oide an oighre. B’ i bean-an tighe a mhuime. B’ e an t-oighre an dalta, ’s b’ e clann na càraid comh-dhaltan an oighre. Dh’ fhàs bann a’ cho-dhaltais, am measg nan Gaidheal, gu bhi na bu tinne na bann na fala. Bha a’ chlann a dheoghail an aon chìoch ’s a thogadh air aon ghlùn na bu dlùithe an daimh na a’ chlann a rugadh leis an aon mhàthair. B’ e bràithrean a’ chinn-chinnidh eideadh, a thrusgan; ach b’e a chomhdhaltan a léine, a léine-chrios: “A bhiodh cho dileas dha ri fheoil ’nuair thogte a shròl ri crann.” “Is caomh le fear a charaid, ach ’s e smior a chridhe a cho-dhalta,” ars’ an Sean-fhacal. Mhinich mo charaid a cheann-teagaisg gu comasach. Thug e iomadh sgeul freagarrach a iomadh cearn de’n t-saoghal a chur soluis air a theagasg; ach ged bha e searmonachadh ’s a’ Ghàidhlig, do Ghaidheil as gach cearn de dh’ Albainn, cha d’ thainig aon sgeul as a’ Ghaidhealtachd no á eachdraidh is cleachdadh nan Gaidheal. Bha e ruith air m’ inntinn, an aite cuairt a chur air a’ chruitheachd an tòir air Samhlaidhean, na ’n d’ thug am fear-teagaisg sinn gu blàr Inbhir-cheitein far an do rinn a luchd-cinnidh riomball stàilinn mu Eachann Ruadh Dhubhairt nach do leig iad a bhriseadh fhad ’s a bha aon diubh beo, no gu faiche Pheairt far an deachaidh an seann oide Torcull ’s na h-ochd co-dhaltan gu bàs le gean a’ dìon an sgagaire bhochd a bu cheann-cinnidh dhaibh, na ’n do mhinich e dhuinn gu ’m b’ iad na co-dhaltan, na mic-uchd a bhiodh dìleas gus a’ bhàs, gu ’m b’ iadsan, anns an t-seadh spioradail, aig an robh càirdeas a bu dlùithe na bràthair ris a’ mhac-oighre nan uile nithe—,bha e ruith air m’ inntinn na ’n robh an teagasg air a shoilleireachadh bho eachdraidh ’s bho chleachdadh an luchd-dùthcha, gu ’m biodh beachd a’ choimhthionail Ghaidhealaich mu uchd-mhacachd na bu chothromaiche, ’s gu ’n gleidheadh iad cuimhne na b’ fhearr air an t-searmoin. Bha searmoin mo charaid, comasach ge robh i, ’na dearbhadh follaiseach air cho neo-fhreagarrach ’s a tha doigh-fhoghlum nam Ministeirean Gaidhealach air son an dreuchd. Cha ’n fhaighear fàilinn de ’n ghnè so ann an searmoin an Tailleir. Tha ise, ’na brìgh ’s ’na dreach, cho Gaidhealach ri fòid mònadh, ri gais fraoich, no ri bad feamanta. ’S e bha aig an t-searmonaiche so ’s an amharc a bhi moladh dhuinn nàistinn ’n ar gnothaichean, dìlseachd ’n ar dleasdanais, a dh’ aindeoin aon bhuaireadh no cunnart a thigeadh ’n ar caraibh. Cha bhiodh e furasda teagasg a bu chudthromaiche ’s a b’ fheumala chur f’ ar comhair. Agus tha Ughdar an Sgeoil ’g a sparradh oirnn ’na dhòigh Ghaidhealaich fhéin. ’S e tàillear a thagh e mar shamhladh air an fhìor-ghaisgeach, agus cha’n ’eil teagamh nach robh a riasan fhéin aige air a shon so. Bha ’n Gaidheal cho maith ri daoine eile deas gu bhi a’ beagadh an tàilleir. Tha e fìor nach tigear as aonais. Bidh feum air “gnìomh na snàthaide,” mar a thuirt Donnachadh Bàn, “Fhad ’s a bhios na màthraichean A’ breith nam paisdean ruisgt,” Ach ’s e ’s dòcha gu ’n robh aig an t-Searmonaiche so, ’nuair a rinn e gaisgeach de ’n tàillear, eisimpleir a Mhaighstir ’na shùil, am Maighstir a fhuair am fìor-choimhearsnach am measg nan Samaritanach d’an d’ thug na h-Iudhaich fuath cho mòr, ’s a thog an Cis-mhaor as an t-slochd chlàbair anns an do thilg gamhlas an t-sluaigh e. A rìs, ’s ann air son gill a dhearbh an tàillear a threubhas, agus tha so réidh ri inntinn a’ Ghaidheil anns gach linn. Cuir a mhisneach an teagamh agus tha e daonnan deas gu dol g’a dhùlan. Cuir geall nach dean e an tùrn so no an tùrn ud eile, agus ni e e, air neo bidh fhios c’ arson. Their a Shean-fhacal ‘Leum an gàradh far an isl’ e,’ ach nach tric a gheibh thu an Gaidheal, ma thogas tu a nàdur, a’ taghadh an àite ’s àirde de’n ghàradh, ’s a’ cur ploc ùr air a mhullach, a thoirt fianuis de ’n t-saoghal cho [?] Ach ’s e tha gu sonruichte a’ moladh dhuinn misnich an Tàilleir, a’ ghnè buairidh is cunnairt a bh’ aige r’a choinneachadh. Tha na daoine d’ a bheil sinne ro mhisneachail, ’s cha ruigear a leas an dìlseachd a dhearbhadh. Dhearbh iad an gaisge air iomadh làraich chruaidh cian mu ’n do rugadh an Tàillear, no mu ’n do thogadh eaglais ’s a’ Mhanachainn, agus thug iad fianuis iomadh uair air an dìlseachd d’ an righ ’s d’ an ceann-cinnidh nach fhacas a mhac-samhuil ach tearc. B’e a bhi cur chraobh do’n choillidh a bhi moladh feartan de’ n t-seorsa so do ’n Ghaidheal. Ach tha misneach is misneach, dìlseachd is dìlseachd, ann; agus mu choinneamh cuid diubh, is dòcha nach tig ar luchd-dùthcha as na ’s fhearr na na coimhearsnaich. Is tric a gheibh thu Saighdear a theid air mhire do ’n chath, ach a tha ’n a làn-ghealtaire aig fairge. Agus an Seòladair Nach taisich ’s nach teid ’na bhreislich A dh’ aindeoin fuathais, Ged dh’ atadh a’ mhuir cheanna-ghlas Suas g’ a chluasan; dh’ fhaoidte gu meataicheadh e roimh luaidhe ’s roimh lasair cho ullamh ri aon a dh’ éildean Bheinn-dòrain. Ach cia air bith cho gaisgeil ’s a fhuaradh an Gaidheal air muir ’s air tir, bha e riamh, mar tha gun teagamh iomadh aon a bharrachd air, sgaoimeach roimh bhodaich ’s roimh bhòcain. Ann an seann sgeul thaitneach mu churaidhean treuna an àm a dh’ fhalbh, tha e air innseadh dhuinn gu ’n d’ thainig eadar Cuchulainn is Conall Cearnach is Laoghaire Buadhach air son cò b’ fhearr an airidh air an toitean a bu bhlasda aig fleadh, cuid a’ churaidh, no an curadhmir, mar theireadh iad fein; ’s gu ’n d’ thainig eadar an cuid ban air son cò bu chòraiche air an àite-thoisich an tigh na [TD 370] [Vol. 9. No. 48. p. 2] cuirme. Cha b’ urrainnear a’ chùis a shocrachadh an Ultaibh ’s chaidh a cur, g’a réiteach, do Chruachan, gu Ailill ’s gu Mèabh. Rainig na curaidhean Cruachan ’s fhuair iad an deagh ghabhail rompa, rogha ’s togha bìdh is dibhe is leapa. A dhearbhadh an gaisge, ’s e chur Mèabh an caraibh nan laoch tri cait bheaga, an riochd “bhiasta druidheachda.” Tha an sgeul ag innseadh gu ’n d’ thug Conall Cearnach is Laoghaire Buadhach na sparran orra, a chlisgeadh, ’s gu ’n d’ fhan iad an sin fad na h-oidhche ag amharc air na cait ag itheadh an cuid bìdh, ’s iad fhéin air an gonadh leis an acras. Sheas Cuchulainn a làrach, ach, ma ’s fhìor an Sgeul, cha d’ ith prìomh laoch nan Gaidheal, greim bìdh ’s cha do chaidil e neul air an oidhche ud. ’S e lan-aighir a th’ ann dhuinne a bhi faicinn nan curaidhean treuna air theicheadh roimh phiseig chait; ach, mar a thuirt iad fhéin, “Cha ’n ann ri biastan a chathaicheamaidne, ach ri daoine.” ’S dòcha gu bheil am Bòcan a nis air call mòran d’ a chumhachd. Cha ’n fhaicear cho tric e, ’s cha ’n ’eil uiread eagail roimhe, ma ’s e ’s gu faicear e. Ach nach fhaod e bhith, gu bheil aig a mhor chuid dhinn, cùil no Cill shonruichte, fagus d’ a sheann dachaidh, ’na shùil, a b’ fhearr leis dol cuairt timchioll chnoc is ghlac, na dol ro dhlùth oirre, air marbh na h-oidhche? Tha e furasda gu leoir a bhi misneachail ’s a’ bhaile-mhòr, far an do chuir am Policeman an ruaig air Bodaich ’s air gràisg de gach seorsa, no air t-aineol, far nach ’eil fhios agad c’àite an coir sealltainn air son Bhòcan. Ach aig an tigh, far nach ’eil tom no fròg anns an do ghabh Bodach riamh tàmh nach aithne dhuit gu ro mhaith,—sin àit a’ chruadail. Chi thu an sin Bodaich, far nach ’eil ’s nach robh iad,— ’N ad eagal is lionmhor Bòcan. Ach [?] am Bodach a nis ’na chùis-eagail mar a bha e, ’s tha sin cho maith. Tha cho beag sgaoim oirnn a nis ’s gu bheil sinn deas gu feoraich is rannsachadh is ceasnachadh mu sheallaidhean ’s mu shamhlaidhean nach tuig sinn. Tha cuid againn air fàs cho dalma ’s gu ’n dean sinn feala-dhà de’n chùis. Agus cha’n fhaigh thu comharra is cinntiche gu bheil a’ Ghlaistig, a’ Chaointeach, an Uruisg is Bòcain de gach dreach ’s de gach gnè, air fàs gann ’s air fàs fann, na an uair a thoisicheas daoine air culaidh-mhagaidh a dheanamh de ’n ghnothuch. ’S ann uidh ar n-uidh a thig a’ chùis gus an ìre so. Is cuimhne leam seana bhean a bha a’ làn-chreidsinn anns na Bòcain, ach dhearbh a giùlan air feasgar sonruichte gu robh an creideamh no co-dhiù an t-eagal, air fannachadh. Bha gleann uaigneach, fàsail, dlùth do dhachaidh na mnatha so, far am b’ àbhaist do na daoine beaga, ma b’ fhìor, a bhi a’ tighinn a mach á tulman gorm, ’s a bhi a’ dannsadh gu h-iollagach, ri solus na gealaiche. ’S ann troimh ’n ghleann a bha an rathad mòr a’ dol. Bha am boirionnach còir aig cuirm ann an tigh bhàrr an rathaid. Bha ceum aig bonn a’ ghlinne a bheireadh na bu luaithe gu a dachaidh i. Bha an dorcha a’ tighinn ’s ghabh i an ath-ghoirid. Ach nuair a bha i seachad air fosgladh a’ ghlinne ’s an sealladh a tighe fhéin, bhuail e ’na ceann, cha’n ’eil fhios agam c’ arson, bha am boirionnach làn àbhachdais ’s bha i aig cuirm,—ach bhuail e ’na ceann gu faodadh na daoine beaga, ’s maith a dh’ fhaoidte na daoine mòra, bhi feoraich c’arson nach do ghabh i an rathad gnàthaichte. Stad i, thionndaidh i a h-aghaidh suas an gleann ’s glaodh i, àirde ’cinn: “An cluinn sibh mi, na tha ’s an éisdeachd? Dh’ fheucham fhéin nach bi sibh a’ smaointeachadh gur e eagal roimhibhse a chum mise gun tighinn troimh ’n Teampull an nochd. Cha ’n e idir. Ach dh’ fhan mi modha ’s fada aig bangaid bean Fhionnlaidh. Bha a’ chuirm taitneach, ’s bha a’ chuideachd sunndach. Tha a nis an t-anmoch ann, ’s tha cabhag orm dhachaidh. Tha fear-an-tighe o’n bhaile; tha an crodh r’am bleoghan, an t-suipeir r’ a bruich, ’s a’ chlann r’ an cur a luidhe. Sin a thug dhomhsa ceum na h-ath-ghoirid a ghabhail, ’s thugaibh bhur ceart aire nach bi aon agaibh ag radh gur ann le eagal roimhibhse a sheachainn mise an Teampull an nochd.” Bha mo bhana-ghoistidh ’na boirionnach smiorail gun teagamh, agus mar thubhairt mi, bha i an déigh tigh na cuirme fhàgail. Ach is gann a shaoileas mi gu ’n labhradh a seana mhathair cho neo-eisimeileach ri muinntir a’ ghlinne ’s a rinn ise. Ri linn an Tàilleir bha an Sluagh gu léir, àrd is ìosal, lag is làidir, eolach is aineolach, a’ làn-chreidsinn ’s na Bòcain. Agus an àite bhi lùghdachadh, ’s ann a tha e gu mor a’ meudachadh, misnich an tàilleir gu robh làn a chridhe de ’n eagal air, nuair a choinnich e an t-uamhas ud an Eaglais Chille-Chriosda. An àm cogadh Bhonapart chunnacas aon uair saighdear a’ dol sìos do ’n bhlàr, ’s aodann cho bàn ri bréid. “An sgagaire bochd,” thuirt Oichear a bha ’s an làthair. “Tha thu am mearachd,” ars’ Wellington. “Is léir do ’n t-saighdear a chunnart, ach cha’n ’eil moille ’na cheum. Cha till an duin’ ud, ’s e beò.” ’S e an Diùc a bha ceart. Ach cha ruigear a leas a bhi ’g iarraidh an sgeul an tàilleir teagasg no fìrinn nach ’eil innte. A réir a bheachdan ’s a chreidimh thug an duine dearbhadh comharraichte air a mhisnich, agus is dòcha nach robh a’ bheag tuillidh aig ùghdar an sgeoil ’na cheann. Ach cha b’ fhìor-ghaisgeach air aon chor Taillear na Manachainn. Cha ’n ’eil am fear is àirde misneach teom air a bhi deanamh bòsd as a threubhas, no bhi cur gheall mu Euchdan. Agus idir, idir cha teich e roimh namhaid. “Am fear nach teich, teichear roimhe.” Bha beachd moran na bu chothromaiche aig Dughall Buchanan air an fhior-ghaisgeach na bha aig Searmonaiche na Manachainn: Cha bu ghaisgeach Alastair mor, No Caesar thug an Roimh fo ghéill; Oir ged a thug iad buaidh air cach, Dh’ fhan iad ’nan traill d’ am miannaibh féin. Ach ’s gaisgeach esan a bheir buaidh Air eagal beatha ’s uamhunn bàis, ’S a chòmhlaicheas le misnich cré A h-uile nì a ta dha ’n dàn. Ach ged tha so mar so, cha ’n ’eil eisimpleir an tàilleir r’a chur an suarachas. Cha tig ar Bòcan-ne an cruth uamhais; is dòcha gu ’n tig e ann an riochd gu mòr is caoimhneala ’s is cunnartaiche. Ach thigeadh e mar thogras e—agus tighinn air aon doigh no doigh eile ni e—bìdh e g’ ar feum facal an tailleir a ghleidheadh air chumhne: “Chi mi sin; ach fuaighidh mi so.” (A’ chrioch). Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. II. MAR a bha nàdarra gu leor, bha Aonghas Donn gle mhuladach a dol a dh’ fhàgail tir an fhraoich—tir a chridhe, tir a shinnsridh, a bha iomadh ceud bliadhna comhnuidh mu ’n ghleann. Ach a measg na bha Aonghas a fàgail, bha aon àraidh ris an robh e na bu chruaidhe leis dealachadh na ri sheann phàrantan fhéin, ged a bha e gu math cruaidh leis am fàgail na dheigh. B’e so caileag òg, shuairce d’ am b’ ainm Catriona. Bha ’h-athair, Domhull Bàn, a fuireach mu leith mhile o dhachaidh Aonghais, aig bruaich a ghlinne. Bha Catriona airidh air meas gach aon. Bha i na h-ighinn chiùin, eireachdail. Ach cho bòidheach ’s gun robh ’pearsa, cha robh i dad na bu bhòidhche na bha ’h-inntinn, no na bu ghlaine na bha ’cridhe. Cha tachradh té riut ann an coiseachd seachdain a thigeadh suas ris an òigh Ghaidhealaich so; ’s cha ’n ’eil teagamh nach aontaicheadh Aonghas fhein leat gu cridheil, cha ’n e mhàin coiseachd seachdain ach coiseachd bliadhna. Bha i fhéin agus Aonghas eolach air a cheile o’n bu chuimhneach leotha—dol do ’n aon sgoil, an uair a bhiodh sgoil ann, mu ’n deach an duine còir, Alasdair nan Slat, o fheum buileach, ’s cha ’n ’eil teagamh nach biodh barrachd sgoilearan ’sa ghleann na ’m biodh e air toirt suas na bu tràithe; oir bha e car coltach ris an each a bh’ aig Iain Mor, a bhiodh latha ’g obair, ’s latha ’m bogadh, ’s latha marbh. ’S iomadh spors a bhiodh aig a chloinn air ’s na bliadhnachan mu dheireadh, oir bha ’n duine bochd a fàs glé dhiochuimhneach. Bha e aon latha ’sa gheamhradh a dol a mach gu ’dhinneir, a bhoineid ghorm na laimh, ’s fàd mònadh ’san làimh eile airson an teine. Chrom e air a shocair ’s chuir e bhoineid gu dòigheil ’san teine, ’s chàirich e ’m fàd mònadh m’a cheann. ’S e ’n gleadhar a thug e air an sgall aig an duine bhochd a thug na smaointean aige air ais gu talamh. Thug Aonghas a bhoineid bhiorach aige fhein dha airson a thoirt dhachaidh, ’s theab e-fhéin agus na sgoilearan eile dhol as an cìdhlein, an uair a fhuair iad a chùl ris; oir cha robh bhoineid bhiorach ach mar gu ’m biodh bàirneach air mullach a chinn, ’s iomadh acaire lom, geal ma chuairt oirre, ’s na ribinnean air an aghaidh. Mu ’n dealaich mi ri Alasdair nan slat, feumaidh mi aon naigheachd eile innseadh air. Bha e na chleachdadh aige bhith leughadh ùrnaigh mhaidne agus fheasgair, gle thric anns na h-aon bhriathran. Shaoileadh duine mar so gu ’m biodh iad aig’ air a theangaidh, ach cha robh cuimhn’ Alasdair na b’ fhaide ach gun toireadh i air eiginn e o fhacal gu facal air an duilleig an àm a bhith ’ga leughadh. Bha fios aig na gillean air a so glé mhath, agus air aon latha dh’ fhalbh toirmeasg gille, Iain dubh nan car, agus thàth e le stuth air choireigin duilleag a bha mu ’n aon urrad, ris an duilleig air an robh ’n ùrnaigh, a thug e á leabhar òran, ’s chuir e gu dòigheil an leabhar urnaigh far ’n do dh’ fhàg a maighstir-sgoil’ e. A nis, an uair a thainig Alasdair, le guth naomh, a bha gle fhreagarrach, thun nam briathran a leanas—“Agus stiuir sinn, O Thighearna, mar”—thionndaidh e nis an duilleag, far am b’ àbhaist an corr do ’n ùrnaigh a bhith, ’s thòisich e— “Alasdair nan stop, Ann an sràid a chùil, Sin an duine còir Air a bheil mo rùn.” Cha d’ fhuair e na b’ fhaide le gaireachdaich nan sgoilearan, ’s bha e cho math; oir ged is e Donnachadh Bàn fhein a rinn an duanag so, cha ’n ’eil moran gliocais na bàrdachd innte. Ach fhuair Alasdair a mach an ciontach, ’s rinn e e-fhéin ’s an t-slat gu math eolach air a cheile. Ach ’s e thàmailtich Iain dubh nan car gur e-fhéin a chuireadh a ghearradh na slaite a bha gu gabhail air. Cha ghoirticheadh a chiad fheadhainn a thug e air adhart cuileag; gus an deach a thilleadh iomadh uair, cha d’ fhuair e gin a bha mor gu leor an suilean Alasdair. Ach bha e riaraichte mu dheireadh. Chàirich Iain te na laimh air an robh coltas a gnothuich. Ach cha robh fios aige, ged a bha ’n ceann a chuireadh na [TD 371] [Vol. 9. No. 48. p. 3] laimh fhéin cruaidh gu leor, nach robh ’sa cheann eile—an ceann a bha dol an dàil Iain duibh—ach an rùsg, ’s na bh’ air an taobh stigh air a ghearradh as gu teoma le sgian gheur Iain. Air gach beinn ’us gleann mu ’n cuairt bha Aonghas agus Catriona mion-eolach. Bha fios aca c’àite ’n robh gach luibh ’san robh leigh a fàs—c’àite ’n robh gach flùr bu bhòidhche ’s bu chùbhraidhe ri ’m faotainn—’s bu thric leotha, ’n uair a bhiodh iad a buachailleachd, suidhe air cnocan grianach a deilbh ’s ag aithris nan gnothaichean a bha iad a dol a dheanamh an uair a dh’ fhàsadh iad mor—mar a thogadh iad taigh a bhiodh air a dheanamh uile gu leir air uinneagan, ’s chladhaicheadh iad dìg mu ’n cuairt air gus na sìthichean a chumail a muigh—bhiodh crodh aca, ’s cnapan òir air na h-adhaircean aca, mar a bh’ air bò ’n t-saighdear, ’s laoigh bheag gheala nach fhàsadh mor gu bràth, ’s iomadh ni eile. Smaointeanan neo-chiontach na h-òige: c’àite ’n coimeas toileachadh sam bith a thaobhas sinn, an uair a thig sinn gu aois, ri toileachadh ar n-òige, ged a bhiodh na deòir fhein daonnan dlùth? Bheireadh fìdeag bonn-a-sia barrachd de thoileachadh dhuinn ’s na làithean ud, na bheireadh òr na h-Eòrpa, ged bu leinn e, ’nuair a bhios sinn ionmhach. Ach air latha àraidh, ’nuair a bha iad mu dheich bliadhna dh’ aois, b’ fheudar dhaibh dealachadh gar greis, mar so: Bha bràthair-màthar do Chatriona, a bha gle mhath dheth, a comhnaidh ann an eilein eile. Cha robh duine cloinne aige fhein, ’s cha robh dùil riutha nis. Thachair dha bhith air chuairt ’sa ghleann an taigh Dhomhuill bhàin, agus ghabh e tlachd mor de Chatriona os cionn na bha stigh. (Theireadh Aonghas, “Co nach gabhadh?”) Agus ’s ann a bhrosnaich e ’pàrantan air son a leigeil air falbh comhladh ris fhein. Bhiodh cothrom aice air sgoil is ionnsachadh agus iomadh ni nach rachadh aice air fhaotainn ’sa ghleann. Cha dubhairt e so ’s na h-urad de bhriathran, ach bha fios aig a pàrantan air aig a cheart àm, agus ged a bha e cruaidh leotha Catriona leigeil air falbh, ’n deigh sin cha bu toigh leotha seasamh an aghaidh ni sam bith a bhiodh gu math aon dhe ’n gineil. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach b’ fhearr gu mor le Catriona fuireach ’sa ghleann fhein, ach dh’ fhalbh i co-dhiu. Agus bha i na meudachd, aig aois sheachd-bliadhn’-deug, ciùin, banail, bòidheach, ma fac i ’n gleann a rithist. A measg na chunnaic Catriona na dachaidh ùir, cha ’n fhac’ i aon a chuireadh i air thoiseach, na ionnan ri Aonghas, companach a h-òige. Agus a nis, an uair a bha i air tilleadh do thaigh a h athar, cha robh e doirbh sam bith a bhearn’ a thainig eatorra fhad’ ’sa bha iad dealaichte a lionadh agus an eòlas ùrachadh. Beag air bheag bhuail galair iongantach iad a tha na ’s gabhaltaiche na fiabhrus. Mar thuirt bàrd air choireigin, cha robh iad tinn no slàn, ach bha iad ann an gao—Theab mi innseadh, ach cha ’n abair mi ’n corr an dràsd, ach nach teid aig lighichean air furtachd sam bith a thoirt do neach air am bi e. ’S iomadh oidhche ’bhiodh Aonghas ri fhaicinn gu sunntach sios bun a ghlinne, duanag chridheil aige ga seinn, gun chuimhn’ air sgìos an latha, ach cho aotrom, uallach ’s ged a bhiodh e air faighinn m’a sgaoil ’n déis a bhith fo ghlais fad bliadhna. Bha Aonghas còir a deanamh fìor an t-sean-fhacail, Far am bi mo chradh bi mo lamh, ’s far am bi mo ghradh bi mo thathaich. Ach thig crioch air gach ni, ’s mar sin thainig an t-àm sam feumadh na leannain dealachadh. Bha Aonghas, ’s gun mhoran aige ri dheanamh, comhla ri ’athair air a chriomaig fearainn a bh’ aige. Bha siosar an uachdarain a bearradh na criomaig so fhein o àm gu àm, gus mu dheireadh nach robh aige, mar gum b’ eadh, ach an crann air an robh ’n t-aodach. Air an laimh eile bha fathunn gun robh Ailein ruadh nam bo, bràthar-màthar Catriona, a dol a dh’ fhàgail na roinn bu mhotha dhe chuid aice, air chumhnant ’s gum pòsadh i fear a shaoileadh esan a bhiodh freagarrach. Bha fios aig Aonghas ged a bhiodh fortan aige nach robh agus nach fhaigheadh e ’n cairdeas Ailein ruaidh ri bheo, airson reusan àraidh, agus b’e so e. Air do dh’ Ailein a bhi air chuairt ’sa ghleann an taigh a pheathar, thachair dha bhi aon latha grianach a gabhail cuairt, agus co thachair ris ach Seumas nan stòp. Bhiodh botul beag cridheil do dhriùchd nam beann air siubhal Sheumais daonnan, ged nach fhaca duine riamh sgillin airgeid aige. Bha cuid ag radh gu ’m b’ aithne dha fuaran falachaidh air choireigin far an robhas a cruthachadh mhic-na-braiche. Sheas Seumas ’us Ailein a comhradh aig bruaich poll mònadh, agus ann a sin fhuair iad a mach gun robh iad càirdeach: b’e an sinn-seanairean clann an da mhàthair, agus mar sin ’s ann a thug Seumas am botul air lom agus dh’ òl iad air a cheile gu toilichte. Dh’ fhàg so car blàth iad le cheile, agus gu math comhraiteach cuideachd. Bha bat’ aig Ailein, agus air dha bhi faighinn a chinn a fas aotrom, chuir e ’m bata fo uchd air bruaich a phuill. A nis, gu mi-fhortanach, bha Ailein trom, bha ’m poll bog, ’s bha ’m bata biorach, ’s ann am prioba ’na sùla cha robh ri fhaicinn de dh’ Ailein ach an dà bhroig. Fhuair Seumas gu tìr e dh’ olc na dh’ eiginn; agus aig an àm co thainig an rathad ach Aonghas. Ma bha Ailein ruadh roimhe, bha e dubh gu leor a nis, agus theab Aonghas stracadh a gaireachdaich ’nuair a chunnaic e ’n coltas a bh’ air. Na shuidh’ air bruaich a phuill-mhonadh, seann neapeagin geal le Seumas a dion an sgall aige o’n ghréin, oir bha ’bhoineid ghorm fhathast an grunnd a phuill, sheall e gu math mi-chiatach air Aonghas le ’dha shuil mhora, gheala an uair a chunnaic e cho toilichte ’sa bha e. Thoisich e ’n sin ri sgornaich ’s air toirt a phuill as a chluasan. Bha feusag mhor air cuideachd, ’s thoisich Seumas ri ’cur air doigh, agus smaointich e nach robh doigh a b’ fhearr na breith orra ’s a fàsgadh gu teann, cruaidh. Bha driùchd nam beann an ceann Sheumais fhathast, ’s cha ’n ’eil teagamh nach e sin a thug air feusag Ailein fhàsgadh cho cruaidh. Leig Ailein ruadh amh-ràn as ’s thug e upag do Sheumas, a thug tàrradh, an uair a dh’ fhairich e e-fhein a falbh, air Ailein, ’s sid sios le cheil’ iad a rithist. Chuir so Aonghas air a dhruim dìreach a rithist a gaireachdaich. Ach chuidich e na bodaich gu tìr, agus dh’ fhàg e iad fo sgàth tom seilich, ’s an cuid aodaich a tiormachadh air an fhraoch. Cha b’ urrainn Aonghas, an àm dealachadh riutha, gun lasgan gaire eile a dheanamh, a faicinn nan laoch a bha e fagail as an leintean fo sgàth ’n t-seilich. Cha b’e sin, ach chuir e Mor nigh’n Uilleam a mach thun a phuill mhònadh, ag ràdh rithe gun robh dha dhe na gamhna aice ann am bogadh. Bho ’n latha sin bha ainm Aonghais air a dhubhadh ann an leabhraichean Ailein ruaidh. (Ri leantuinn.). Sgeulachdan Arabianach. PRIONNS’ ALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH. CAIB. III. CHO luath ’s a chuala Mobarec na briathran so a labhair Alasnam, leig e e-fhein ’na shineadh aig a chasan, agus an uair a thug e pog dha lamhan, thuirt e, “Tha mi ’toirt buidheachais do Dhia air son do thoirt an so. Tha fhios agam gur tu mac an righ a bh’ air Balsora. Ma tha toil agad a dhol do ’n aite anns am bheil an iomhaidh iongantach, treoraichidh mise g’ a ionnsuidh thu; ach feumaidh tu an toiseach fois a ghabhail an so beagan laithean. Tha uaislean na cuirte aig cuirm maille rium an diugh. Bha sinn aig a’ bhord an uair a dh’ innseadh dhomh gu ’n robh thu aig an dorus. Am bheil thu toileach tighinn a steach a chum a bhith subhach maille ruinn?” “Bidh mi gle thoilichte cead fhaotainn a dhol thun na cuirme,” ars’ Alasnam. Thug Mobarec a steach e gun dail do’n t seomar mhor, mhaiseach anns an robh ard-mhaithean Chairo ’nan suidhe aig a’ chuirm. An uair a chuireadh ’na shuidhe aig a’ bhord e, bha Mobarec fhein a’ frithealadh dha air a ghluin. Bha ioghnadh gu leor air ard-mhaithean Chairo an uair a chunnaic iad so, agus bha iad a’ bruidhinn gu beag eatorra fhein, agus ag radh, “Co e an coigreach so do ’m bheil Mobarec a’ toirt a leithid a dh’ urram?” An uair a chuireadh crioch air a’ chuirm, labhair Mobarec ris a’ chuideachd, agus thuirt e, “Ard-mhaithean Chairo, na cuireadh e ioghnadh sam bith oirbh ged a tha mise ’deanamh frithealaidh air an doigh so do ’n choigreach og. Biodh fhios agaibh gur mac e do ’n righ a bha air Balsora, agus gu ’n robh mise ’nam sheirbhiseach aig athair. Cheannaich ’athair mi le ’chuid airgid fhein, agus dh’ eug e gun mo shaorsa ’thoirt dhomh. Air an aobhar sin tha mi fathast ’nam sheirbhiseach, agus, mar oighre dligheach air gach ni a bhuineadh dh’ a athair aig uair a bhais, buinidh mise agus gach ni a th’ agam ris an t-saoghal le coir ’s le ceart do ’n phrionns’ og so.” Chuir Alasnam stad air, agus thubhairt e, “Tha mise ag innseadh gu follaiseach, ann an lathair nan tighearnan so gu leir, gu ’m bheil mi ’toirt dhut do shaorsa air a’ mhionaid so, agus gu ’m bheil mi leigeadh uam gach uile choir a bh’ agam ort fhein agus air gach ni a tha thu ’sealbhachadh. Innis dhomh ma ’s math leat mi dheanamh dad sam bith eile air do shon.” Thug Mobarec pog do’n talamh mar chomharradh air an umhlachd a bha a ’toirt de’n righ agus thug e mile taing dha a chionn gu ’n d’ fhuan e a shaorsa uaithe. An sin thugadh a steach fion, agus chuir iad seachad na bha rompa dhe’n latha ag ol an fhiona, agus ri comhradh taitneach. An uair a thainig am feasgar thugadh tiodhlacan do na h-aoidhean, agus dh’ fhalbh iad dhachaidh. Air an ath latha thuirt Alasnam ri Mobarec, “Tha mi an deigh m’ anail a leigeadh math gu leor. Cha b’ ann a dh’ iarraidh fois is solais a thainig mi do Chairo; is ann a thainig mi a chum gu ’m faighinn an naoidheamh iomhaidh. Tha ’n t-am againn a bhith ’falbh air a toir.” “Mo thighearna,” arsa Mobarec, “tha mise deas gus deanamh mar is aill leat; ach cha ’n ’eil fios sam bith agad air a’ chunnart a th’ agad ri choinneachadh mu ’m faigh thu an t-iomhas luachmhor sin.” “Ge b’e air bith cunnart a thachras rium, tha mi suidhichte gu ’n teid mi air a thoir. An dara cuid theid an gnothach leam, ar neo caillidh mi mo bheatha ris. Tha h-uile rud a tachairt anns an t-saoghal a reir ordugh Dhe. Bi thusa ’falbh comhladh riumsa, agus feuch ri do mhisneach a chumail suas cho math rium fhin.” An uair a chunnaic Mobarec gu ’n robh Alasnam suidhichte gu ’m falbhadh iad, thug e ordugh dh’ a sheirbhisich gach ni feumail air son an turuis fhaotainn deiseil. An uair a dh’ ionnlaid iad iad-fhein gu math, agus a ghabh iad an urnuigh, dh’ fhalbh iad. Thug iad iomadh latha air deanamh an astair a bha rompa, agus ghabh iad beachd air iomadh rud gle iongantach fhad ’s a bha iad air an t-slighe. Mu dheireadh rainig iad aite a bha anabarrach briagha, agus thainig iad air lar. Thuirt Mobarec ris na seirbhisich a bha comhladh riutha, “Fanaibhse ann an so, agus thugaibh an aire mhath do gach ni gus an till sinne.” An sin thuirt e ri Alasnam, “Mo thighearna, bidh sinn a nis a’ falbh ’nar dithis gun duine ach sinn fhin. Tha sinn dluth air an aite uamhasach anns am bheil an naoidheamh iomhaidh. Tha feum agad air lan-mhisneach a bhith agad.” (Air a leantuinn air taobh 374). [TD 372] [Vol. 9. No. 48. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, MAIGH 31, 1901. Na ’m biodh dearbhadh aig daoine gu bheil na bliadhnaichean a tha rompa gu bhi cho soirbheachail ris na bliadhnaichean so, bhiodh an leisgeul ri ghabhail air son a bhi caitheamh. Ach cha d’ thainig àireamh de bhliadhnaichean pailte, soirbheachail riamh o thùs eachdraidh an t-saoghail, nach d’ thainig àireamh de bhliadhnaichean ganna, cruaidhe nan deigh, agus cha ’n eil aobhar a bhi creidsinn gu bheil atharrachadh a dol a thighinn air cùrsa ’n t-saoghail anns an dòigh sin gus an tig crioch air. Thig na bliadhnaichean ganna, cruaidhe, agus cha ’a eil fhios am bheil iad fad as, anns an amhairc sinn air ais ’s an caoidh sinn caitheamh struigheasach nam bliadhnaichean pailte. Tha an t-àrd-riaghladh a’ meas gu’n cuir iad feum air tri fichead us ochd millein dolair air son obair na dùthcha a chumail air adhart ré an da mhios dheug a chriochnaicheas air Iun 30, 1902. A reir barail moran, tha an t-suim so tuilleadh us mor. Tha an dùthaich anns na bliadhnaichean so a’ mealtuinn soirbheachaidh nach robh aice riamh roimhe, agus tha e nàdurra gu leòr do dhaoine, nuair a bhios an t-airgead pailt agus furasd’ fhaotainn, a bhi ro-ullamh gus a chaitheamh. Cha ’n eilear ag radh nach eil an t-airgead mor so ri bhi air a chur gu deagh bhuil, ach cha ’n eil teagamh nach fhaodadh an riaghladh a bhi beagan na bu chaomhnaiche ’na tha iad. Tha moran bheul an còmhnuidh fosgailte air son an airgeid, ach ’nuair a bhios e pailt bithear gu tric a’ fosgladh bheul nach cuireadh feum sam bith air. Thugadh aon ghrein mor á ionmhas na dùthcha air an earrach so fhéin le buill na pàrlamaid ’nuair a dh’ aontaich iad, agus sin gun uiread us cead na dùthcha iarraidh, coig ceud dolair ’sa bhliadhna chur ri an tuarasdail féin. Cha ’n urrainn iadsan a tha air taobh eile ’n taighe clach a thilgeadh air an riaghlaidh air son sin, no air son gach cosg eile rinn iad, oir bha iad mar bu trice cho deònach an t-airgead a chosg riutha féin. Cha d’ fhuaireadh ach fior bheagan de bhuill an taighe air fad a thog an guth an aghaidh àrdachadh an tuarasdail, agus cha d’ rinn na labhair iad drùghadh sam bith air càch. Tha e ceart gu leòr a bhi gearan air luchd-riaghlaidh bhailtan, is roinnean, is dhùthchannan nuair nach eil iad a’ deanamh an ni e tha ceart, no a tha iad a’ deanamh ana-caitheamh air maoin an t-sluaigh. Ach bu chòir do dhaoine barrachd us gearan a dheanamh. Bu chòir dhaibh aobhair a ghearain a chumail air chuimhne gus an tig àm taghaidh, agus gach duine bhios ag iarraidh taghaidh a dhuaisneachadh a reir a dheanadais. Na ’m biodh fhios aig gach aon de bhuill na pàrlamaid gu robh iadsan a chuir a stigh iad a cumail sùil ghéir air an deanadas, agus nach biodh iad air an cur a stigh a rithist mur biodh gach ni a dheanadh iad ceart, agus a chum math na dùthcha, biodh cuid dhiubh moran na bu fhritheiltiche d’ an dleasdanas agus na bu chinntiche math na dùthcha chumail daonnan san amharc na tha iad an diugh. Ma ni iadsan a tha air an cur an ùghdarras leis an t-sluagh nithean nach bi a reir toile no a chum math an t-sluaigh gun teagamh ’se ’n sluagh fein a bhios ri ’n coireachadh. An duine tha ceart agus onorach, ’s fhurasd’ aithneachadh, agus bidh e mar sin ge b’a àite san cuirear e, no ge b’e pàirtidh d’ am buin e; ach am fear nach bi ceart no onorach fo sgéith aon phàirtidh, cha bhi e dad na’s fhearr le dhol fo sgéith pàirtidh eile. “Am fear a bhios carach ’sa bhaile so, bidh e carach ’sa bhail’ ud thall.” Na h-Eaglaisean Albannach. Choinnich ard-sheanaidhean nan eaglaisean Albannach, air Di-màirt, an 25mh latha de ’n Mhàigh ann an Dunéidean. A thaobh Eaglais na h-Alba tha cor ’s a cùisean gun atharrachadh. Air aon dòigh cha robh cùisean cho greadhuach. A chionn gu ’n do chaochail a’ Bhanrigh air a’ bhliadhna a dh’ fhalbh cha robh Fear-riochdachaidh an Rìgh a’ gleidheadh nam féisdean àbhuisteach; ach a thaobh aobhair ghnàthaichte na h-Eaglais féin bha an obair mar a b’ àbhuist. ’Se Moderator na bliadhna a dh’ fhalbh an t-Olla Tormoid Mac Leòid á Ionar-nis, searmonaiche ainmeil ealanta; agus is e Ceann ùr an Ard Sheanaidh an t-Olla Mitchell á Léid. Choinnich an Eaglais Shaor Aonaichte air an aon latha. B’ e a Ceann-suidhe-se o àm an Aonaidh an Diadhair ainmeil, an t-Olla Raibeart Rainy, a tha nis a’ fàgail na cathrach air son an Olla Kennedy a bhuineadh roimhe so do ’n Eaglais Chléirich Aonaichte. ’S iad na gnothuichean bu mhò a bha acasan ri dheanamh a bhi socrachadh cùisean is riaghailtean coitcheann an Aonaidh. Bha an fheadhainn a bha an aghaidh an Aonaidh a’ coinneachadh fo ’n t-seann ainm, “an Eaglais Shaor.” Cha ’n eil ann dhiubh so uile gu leir ach mu shia air fhichead de mhinisteirean; buinidh a mhor chuid dhiubh do ’n Ghàidhealtachd. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,870.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 373] [Vol. 9. No. 48. p. 5] Naigheachdan. Chaidh da iasgair Fhrangach a thogail deireadh na seachdain s ’a chaidh air a chuan mhor le soitheach-smùide a thug iad gu ruige Halifacs. Bha iad anns a’ bhàta fad thri latha, agus mu ’n d’ fhuaireadh iad bha iad an deigh moran fhulang le fuachd us acras. Bha latha Victoria air a chumail anns gach cearna de Chanada ’s de ’n Impireachd Bhreatunnaich mar a b’ àbhaist. Cha robh na brataichean cho lionmhor ri crann sa bhitheadh iad bliadhnaichean roimhe, ’s bha an latha air a chur seachad na bu shàmhaiche na bhitheadh e ré beatha Victoria féin. Bha so uile iomchuidh; cha bhiodh e freagarrach othail no greadhnachas mor a bhi air a nochdadh air co-ainm a latha-breth ùine cho goirid an deigh dhuinn uile bhi caoidh a bàis. Tha e ’fàs car coltach gu ’m bi cùisean ann an Sina air an réiteachadh an ùine ghoirid. Tha na rioghachdan mora an deigh an t-suim a tha iad a’ cur mu choinneamh Shina a phàigheadh, a thoirt a nuas gu $337,000,000, agus tha Sina ag aontachadh sin a phàigheadh. Chaidh mu dha cheud de cheannardan nam Bocsairean a pheanaisteachadh o’n ghabh an t-arm Eòrpach seilbh air Pekin, agus eadar sin agus pàigheadh an airgeid, faodar a radh gu bheilear an deigh dioghaltas gu leòr a dheanamh air Sina air son mi-riaghailt a cuid iochdaran. Cha ’n eil fhios nach dean an troimhe-cheile so Sina a thàthadh ’sa neartachadh air dhòigh ’s gu ’m bi i comasach air àite ghabhail an comhairle cumhachdan mora ’n t-saoghail nach robh aice riamh roimhe. Ann am baile Halifacs, thatar aig an àm so a’ cur cruaidh ri luchd-reic nan cigarettes air son a bhi ’gan reic riuthasan a tha fo aois. Chaidh càin gle throm a chur air fear dhiubh an la roimhe, agus tha chead aige. Ann an Sidni thatar a cur càin air neach sam bith a theid le rothair air a’ chuid sin de ’n t-sràid a bhuineas do na coisichean, agus tha sin ceart gu leòr. Ach tha ann a’ Halifacs agus ann an Sidni, buidheann lionmhor de dhaoine a tha creic ni a tha mile uair na ’s cronaile na na cigarettes, ’sa tha ’g aobharrachadh mi-riaghailt us call nach urrainn luchd nan rothairean a dheanamh, agus cha ’n eilear ach gann a feuchainn ri stad no grabadh sam bith a chur orra. Tha e ro-choltach gu bheil iad-san a shiolaidheas a mheanbh-chuileag ’sa shluigeas an càmhall gun an saoghal so fhàgail fhathast. Chaidh fear Alasdair Domhnullach a bhàthadh aig Eilean nan Ian faisg air a’ Bhras d’Or Bheag Dior-daoin, seachdain gus an dé. Bha e leis féin aig an àm, agus thatar a deanamh a mach gur e tuiteam bhar creig a rinn e, ’s o nach robh cuideachadh faisg air gun deachaidh a bhàthadh. B’ e so am fear a bha air a chur an greim, dlùth air fichead bliadhna air ais, air son mort Iain Mhic Gill-fhaollain, faisg air Hogomah. Bha e air fhaotainn ciontach dhe ’n ghniomh sin, ’s air a dhìteadh gu bàs, ach chaidh a bhinn an deigh sin atharrachadh, ’s fhuair e as le àireamh bhliadhnaichean dhe’n tigh-obrach. Bha e air an t-samhradh so ag obair ann am factoridh ghiomach aig a Bhras d’ Or Bheag, agus ’s ann mu ’obair a bha e nuair a thachair an sgiorradh leis ’n do chaill e a bheatha. Tha a chorp gun fhaotainn fhathast. Bha làn na mara ag eiridh neo-chumant’ àrd anns a Bhay of Fundy mu mheadhon a mhios so. Bha mu chairteal mile de ’n rathad-iaruinn air a sguabadh air falbh leis an làn aig Sackville, N. B., ni nach do thachair a leithid o chionn ìomadh bliadhna. Chuir am mortair Bresci—am fear a mhort righ na h-Eadailt an uiridh—crioch air fhein air an t-seachdain ’sa chaidh. Bha e o chionn ghoirid gle ain-fhoiseil na inntinn, agus Di-màrt, thachd e e-fhein le aon de na plangaidean a thoinneamh suas agus a cheangail mu ’amhaich. On chaidh na slighean uisge eadar braigh na h-aimhne St. Lawrence agus na lochan mora a dhoimhneachadh, faodaidh soithichean mora air an làn luchdachadh, ruith á Chicago, no á baile sam bith timchioll nan lochan mora, dìreach do ’n t-seann dùthaich. Thaghail a cheud soitheach a rinn an turus sin, an Northman, ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Thatar dhe ’n bharail gu ’n do bhàth fear Uilleam O’Toole e-fein aig a Bhras d’ Or Bheag toiseach na seachdain s’a chaidh. Fhuaireadh an t-each ’s an carbad aige ri taobh an uisge, agus gun sgeul air féin. Cha d’ fhuaireadh a chorp fhathast; bha an t-uisge, far am bheilear a smaoineachadh ’n do bhàthadh e, anabarrach domhain, agus an sruth gle làidir, ’s cha ’n eil teagamh nach robh a chorp air a ghiùlan a mach do ’n chuan mhor. Thachair droch sgiorradh do ’n t-Shamrock, a’ bhirlinn leis am bheil Sir Tòmas Lipton a’ dol a chur reis ri birlinn nan Geancach mu ’n tig crioch air an t-samhradh so. Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, chaidhtear a mach leatha, agus bhuail soirbheas làidir i a bhrist na croinn dhith ’s a chuir gach aon a bha air bòrd car ùine bhig an cunnart am beatha. A bharrachd air Sir Tòmas fhéin, bha Righ Iomhar agus beagan de dh’ uaislean eile air bòrd. Chuir an cunnart ’san deachaidh an righ iomguin nach bu bheag air a chuid iochdaran; cha eil toil sam bith aca e bhi air a thoirt air falbh cho luath an deigh dha tighinn dh’ ionnsuidh a chrùin. Tha Sir Tomas Lipton a nise ’g iarraidh air na Geancaich dàil a chur anns an reis gus am faigh e an t-Seamarag a chàradh ’sa chur an uidheam air son tighinn thar cuain, ni gun teagamh sam bith a bhios iad deònach gu leor a dheanamh. Chaochail bean an Urr. Calum Caimbeul, ann an Strathalbainn, E. P. I., air an deicheamh latha dhe ’n mhios so. Bha i ann an droch shlàinte o chionn còrr us bliadhna, agus mar sin cha robh a bàs gun dùil ris. Bha i air a tiodhlacadh ann am Baddeck, air an eilean so, dachaidh a h-òige, agus far am bheil cuid de ’càirdean fhathast a’ còmhnuidh. Tha dithis de bràithrean anns an t-siorrachd so, Pàdruig Mac-Amhlaidh, an Glace Bay, agus Iain Mac-Amhlaidh, am Port Morien. Dh’ fhàg i ceathrar chloinne—aon mhac agus triùir nighean. Bha i na mnaoi chliùitich, air an robh mor mheas aig na h-uile a chuir eòlas oirre, agus tha iad làidir anns an earbsa gu bheil i nise ann an tigh nan iomadh àite-còmhnuidh, far nach bi tinneas no cràdh no dealachadh. Tha co-fhaireachdain againn ri céile ’s ri ’cloinn a tha ’ga caoidh, agus tha dòchas againn gu ’n dean an Ti sin a tha deanamh nan uile nithe gu ro-mhath comh-fhurtachd a thoirt daibh an àm na trioblaid. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 374] [Vol. 9. No. 48. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 371). Ann an uine ghoirid rainig iad locha. Shuidh Mobarec air a bhruaich, agus thuirt e ri Alasnam, “Feumaidh sinn a dhol tarsuinn air a’ mhuir so.” “Cia mar a theid sinn tarsuinn agus gun bhat’ againn?” ars’ Alasnam. “Chi thu bata tighinn ’nar sealladh ann an tiotadh,” fhreagair Mobarec: “thig am bata draoidheachd aig righ nam fathach ’g ar n-iarraidh. Ach na leig air dichuimhn na tha mise ’dol a dh’ innseadh dhut. Cha ’n fhaod thu aon fhacal a radh. Na abair facal ris an fhear a th’ anns a’ bhata ged a bhiodh tu ’smaointean gu ’m bheil a chruth ’s a chumadh gle neonach. Ciod sam bith cho neo chumanta ’s a bhios na nithean a chi thu, na tigeadh facal as do cheann. Tha mise ag innseadh dhut roimh laimh gu ’n teid am bata fodha fo ’r casan ma their thu am facal a’s lugha.” “Bheir mise an aire mhath nach abair mi aon fhacal,” ars’ Alasnam; “cha ’n ’eil agad ach fios a thoirt dhomhsa ciod is coir dhomh a dheanamh, agus ni mi a h-uile rud a dh’ iarras tu orm.” Am feadh ’s a bha iad a’ comhradh mar so, ghrad thug iad an aire gu ’n robh bata air an locha, agus gu ’m b’ ann de dh’ fhiodh dearg ro luachmhor a bha i air a togail. Bha crann de dh’ amber innte, agus bha bratach de shioda gorm a’ snamh ann am barr a’ chroinn aice. Cha robh innte ach an aon duine, agus bha ceann air coltach ri ceann elefant, agus com coltach ri com tiger. An uair a thainig am bata thun a’ chladaich far an robh iad, thog an duine mi-nadara so fear an deigh fir dhiubh a steach le ’ghnos do ’n bhata, agus ann an tiotadh thug e tarsuinn an loch’ iad. Cha bu luaithe a rainig iad tir na thog e am mach as a’ bhata iad le ’ghnos, agus chuir e air tir iad. Chaidh e as an t-sealladh ’s a’ mhionaid. “Faodaidh sinn bruidhinn a nis,” arsa Mobarec. “Buinidh an t-eilean air am bheil sinn do righ nam fathach. Cha ’n ’eil eilean eile dhe ’leithid air an t-saoghal. Seall mu ’n cuairt ort, a phrionnsa. Am bheil e comasach gu’ m biodh aite eile a’s taitniche na ’n t-eilean so air an t-saoghal? Tha e ’na fhior shamhladh air an aite aoibhneach a dh’ ordaich Dia do na h-uile a choimheadas a lagh. Gabh beachd air na h-achaidhean a tha cho maiseach leis gach seorsa dithean, agus luibh deadh-fhaile; thoir fo ’n ear le tlachd na craobhan maiseach, a tha cho lan de mheasan blasda ’s gu ’m bheil am meanglain a’ lubadh gu lar: eisd le taitneas ris a’ bhinn-cheol ordail, fhuaimneach a tha na miltean de dh’ eoin bhoidheach, bhachlach a’ seinn air bharraidh nan craobh—eoin nach fhaicear an leithidean ann an aite sam bith eile fo ’n ghrein.” Cha b’urrainn Alasnam gun tlachd a ghabhail dhe na nithean maiseach a bha e’ faicinn ’s a’ cluinntinn a h-uile ceum mar a bha e ’dol air aghart troimh ’n eilean. Mu dheireadh rainig iad luchairt a bha air a deanamh de dh’ emerald. Bha dig mu ’n cuairt oirre, agus air bruaich na dige bha craobhan a’ fas a bha cho ard ’s gu ’n robh iad a’ cur sgaile air an luchairt. Mu choinneamh geata na luchairt a bha air a dheanamh de dh’ or fiorghlan, bha drochaid anns an robh sia aitheamh a dh’fhad, agus tri aitheamh a leud air a dheanamh de dh’ aon slige mhor mhaoraich. Aig ceann na drochaid bha buidheann dhe na fathaich, agus iad anabarrach ard o thalamh, ’nan seasamh a’ gleidheadh na drochaid, agus camain mhora, chruadhach aca. “Na rachamaid na ’s fhaide air aghart,” arsa Mobarec, “ar neo marbhaidh na fathaich so sinn, agus gus an cumail air falbh uainn, feumaidh sinn draoidheachd a ghnathachadh.” An uair a thuirt e so thug e lamh air sporran a bha am falach aige fo ’chuid aodaich, agus thug e as ceithir stiallan de shioda buidhe. Chuir e fear dhiubh m’ a mheadhain, agus am fear eile sios air a dhruim. Agus chuir e na dha eile anns a’ cheart doigh air a’ phrionnsa. An sin sgaoil Mobarec da chomhdach-buird air an talamh, agus air na h-iomaill aca chuir e clachan luachmhor, musc, agus ambar. Shuidh e air fear dhiubh, agus shuidh am prionnsa air an fhear eile. Labhair Mobarec ris a’ phrionnsa mar so: “Tha righ nam fathach ’na chomhnuidh anns an luchairt so, agus tha mise gus a thoirt air tighinn far am bheil sinn. Bu mhath gu ’n tigeadh e ann an sith. Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil eagal orm nach bi e cho aoidheil ruinn ’s bu mhath leinn. Ma tha e mi-thoilichte a chionn gu ’n d’ thainig sinn do ’n eilean, thig e ann an riochd uile-bheist; ach ma tha e toilichte gu ’n d’ thainig tusa a dh’ iarraidh na tha uat, thig e ann an riochd duine eireachdail. Cho luath ’s a thig e ’nar lathair, feumaidh tusa eirigh, agus failte a chur air. Ach cha ’n fhaod thu carachadh bhar an aodaich; ar neo ma charaicheas, caillidh tu do bheatha ris. Feumaidh tu bruidhinn ris mar so: ‘Ard-righ nam fathach, bha m’ athair ’na sheirbhiseach agad, ach thug teachdaire ’bhais air falbh e. Is e mo ghuidhe gu ’m biodh bhur morachd ’g am dhion mar a bha sibh a’ dion m’ athar aig gach am.’ Ma dh’ fheoraicheas e dhiot ciod am fabhar a tha thu ’g iarraidh air, their thu, ‘Mo thighearna, tha mi gu h-umhail a’ guidhe gu ’n toir sibh dhomh an naodhamh iomhaidh.’” (Ri leantuinn). Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha ’n ùine cho fada bho nach do sgriobh mi ni sam bith ann an Gàilig ’s nach eil fhios agam ciamar a thòisicheas mi air ni sam bith a chur an òrdugh. Tha e gle fhurasda do mhuinntir a ràdh, “Car son nach eil thu sgriobhadh an drasd?” “’S fhada bho nach fhaca mi ni sam bith bhuat ’sa MHAC-TALLA!” REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Ur! Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 375] [Vol. 9. No. 48. p. 7] agus a leithid sin. Cha ’n eil mise a cur an aghaidh an ni tha ceart a dheanamh, agus gu sonraichte mu thimchioll a coir fein a thoirt do ’n Ghàilig; oir mur toir sinne aig am bheil i gu math àite dhith, ciamar a dh’ iarras sinn air a mhuinntir aig nach eil ach robladh dhith suim a ghabhail dhith? Tha mi a leughadh a MHAC-TALLA a nis o’n a thòisich e, agus cha ’n fhaca mi urad agus leud ròineig do sgriobhadh fo aon sam bith do ’n àireamh mhor Ghàidheil a tha againn mu thimchioll Baile-na-prise (Priceville). Cha d’ fhuair mise foghlum sam bith air son a bhith sgriobhadh innte, ach mar thog mi as mo cheann fhein, agus tha mi fiosrach gu bheil gu leor anns an àite is fhearr foghlum na mise air son a bhith ’ga sgriobhadh. Mar thubhairt mi aon uair roimhe so cha ’n aon ann an deich mile da Ghaidheil a ghabhadh orra fhein a chuing a ghabh Mr Mac Fhionghain air fein air son paipear a chur a mach ann an cainnt a shinnsir, agus leis a sin bu choir duinn a h-uile cuideachadh a’s urrainn sinn a thoirt da, le bhi cur uige litrichean mora, gasda as gach cearna de ’n t-saoghal far am bheil mac Gaidheil a gabhail comhnuidh. Tha sgeulachdan mora gle mhath ’nan àite fein, ach ’s gasda leam fein litrichean fhaicinn as gach cearna de ’n dùthaich, a toirt cunntas air gach ni a thachair fo chionn ghoirid, agus a bhi deanamh gach dleasdanas eile a tha feumail air son paipear a chumail suas. Bha aimsir bhriagha againn o’n thainig an t-earrach agus àm cur an t-sil, ach thainig lathaichean gle fhuar mu ’n darna-latha-deug dhe ’n mhios so le frasan sneachda, agus cha ’n eil teagamh nach bi reotha againn mu ’m fàs i blath a ris. Tha muinntir gus a bhi reidh de ’n churachd a nis. Tha criothnachd foghair a sealtuinn math, agus cho coslach ’sa bha e coimhead fo cheann moran bhliadhnaichean mu ’n àm so de ’n bhliadhna. Bha moran tinn againn ’san àite so ré a gheamhraidh, ach tha iad air a dhol na ’s fhearr a nis, ged tha cuid dhiubh nan laidhe air leapaichean tinneis fhathast. Dh’ eug moran ré a gheamhraidh. ’S iomadh aon a tha ag ionndrainn caraid eigin a bha beò mu ’n bhliadhn’ ùir, ach a tha nis nan sìneadh ’san àit-adhlacaidh. ’N uair a chaidh an tiodhlacadh bha sneachda mor ann a chaidh a mheasgadh leis an uir, agus tha na h-uaighean a nis air tuiteam sios. Tha obair mhor gus a bhi dol air adhart ann an baile an Durham air an t-samhradh so—’se sin an cement works a tha iad a tòiseachadh ri chur air aghaidh. Bheir e moran obrach do dhaoine ré na h-ùine a bhios iad a cur suas nan togalaichean. Tha corr agus ceud mile dolair air a chur air bonn airson na h-obrach cheana. Tha ’mhuinntir a bha togail nan census reidh bho cheann fhada, agus ’s iomadh ceist mhi-mhodhail a dh’ fheoraich iad ré na h-ùine, gu sonraichte a faoighneachd do na seana mhaighdeannan gu de an aois a bha iad. An cuala duine riamh ceistean cho mi-mhodhail riutha! Ach cha ’n eil duine sam bith ri sin fhaotainn a mach ach am fear-togail fhein, agus cha bhi an gnothuch cho dona leis a sin. Tha mi smaointean gu ’m bith mi nis a stad. Bha mi duilich a chluinntinn nach robh am fear-deasachaidh an slàinte ro mhath, ach tha mi an dochas gu bheil e nis cho slàn, fallain ’sa bha e riamh. A gealltuinn a bhi sgriobhadh an ùine gun bhi fada, Is mi ur caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Maigh 12, 1901. Iadsan a Phaigh. D. A. Mac Coinnich, Mèinn Chaledonia. Niall Moireasdan, Mèinn Chaledonia. Mor Dhomhnullach, Abhainn nam Bradan. Bean Chaluim Mhic-Aidh, Sidni. Micheal M. Mac Neill, Sidni. D. McD. Caimbeal, Sidni. Seumas Domhnullach, Sidni. Floiri Nic Gill-fhinnein, Beinn Mhic-Gill-Andrais. Mairi Cheanadach, Alba, C.B. R. A. Domhnullach, an Eilean Fada. An t-Urr. D. Mac Gille-mhaoil, Meinn a Tuath. Domhull Mac-Leoid, Orangedale. A. D. Mac Cuthais, Taobh an Locha. Lachuinn Mac Guaire, an Abhainn Mheadhonach. Donncha Gillios, Meinn Victoria. Bean Iain D. Dhomhnullach, St. Esperit. D. R. Domhnullach, Acarsaid Bharrachois. L. Mac-Neill, Glace Bay. Niall H. Domhnullach, Aiseag Mhira. Micheal F. Mac-a-Phi, Glace Bay. Seonaid Cheanadach, Valley Mills. A. A. Mac Gillebhràth, an Dun Glas, N. S. Inie Dhomhnullach, an Dun Glas, N. S. D. Mac-a-Phearsain, Gàradh Eden, N. S. Iain Ceanadach, Earraghaidheal, N. S. Cailean Mac Gillebhràth, Halifax, N. S. Dr. Murchadh Siosal, Halifax, N. S. Eachunn Mac Rath, Halifax, N. S. Uisdean Mac-an-Toisich, Loch Katrine, N. S. Aonghas Caimbeal, Allt an Dotair, N. S. Mor Nic Aonghais, Gleann Uilleam, E. P. I. Raonall Mac Aidh, Green Marsh, E. P. I. Uisdean Mac-a-Phi, Souris, E. P .I. Murchadh Mac Leoid, Cornwall, E. P. I. Sine Bhrus, Baile-mhuilinn, E. P. I. Alasdair Scott, Kingsboro, E. P. I. Bean N. D. Dhomhnullaich, Milan, Cuebec Calum Ros, Milan, Cuebec Bean N. H. Dhomhnullaich, Springhill Cuebec D. H. Fearghasdan, St. Stephen, N. B. Alasdair Mac Ille-ghlais, Coldstream, Ont. Iain Mac Artair, Lobo, Ont. Donnchadh Mac Gille-mhaoil, Brodie, Ont. Domhull Deòra, Lagan, Ont. Alasdair Mac Calmain, Priceville, Ont. Iain S. Mac Ille-dhuibh, Pomona, Ont. Mairi Stevenson, Shipka, Ont. Gilleasbuig Mac Gilleain, Thessalon, Ont. A. Mac Lachainn, Gleann Comhann, Ont. Ailean Dùghlach, Vallaidh, Assa. F. A. Gemmel, Selkirk, Man. An t-Ollamh J. D. Prince, New York. Aonghas Mac Leoid, New York. Bean Iain Dhùghlach, Mooreton, N. Dak. Bean D. Mhic Fhionghain, Mooreton, N. Dak. Iain D. Domhnullach, Salamanca, N. Y. Niall Mac Neill, Boston, Mass. Eachunn Mac Iomhair, Providence, R. I. Uisdean Mac Ille-mhaoil, Cleveland, Ohio. Caiptean C. Mac-Fhionnlaidh, Toledo, Ohio. Aonghas Mac Calum, Greenleaf, Mich. M. B. Mac Coinnich, Waipu, N. Zealand. An t-Urr. D. Mac-Gilleain, Diùrinis, Alba. Uilleam Mac Aoidh. Inbhirnis, Alba. Coinneach L. Domhnullach, Seeabost, ’s an Eilean Sgiathanach. Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Laoidhean Dhughaill Buchanain .10 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands,by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian. (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. SANAS. THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu JOHN D. McDONALD, Torge House, Salamanca, N. Y. no gu MRS. JOHN D. McDONALD, St. Esperit, C. B. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 376] [Vol. 9. No. 48. p. 8] Oran Seilge. LE PARA MOR CAIMBEUL. Bheir sinn ’san t-samhradh am monadh oirnn ’S théid sinn do ’n ghleann againn fhìn, ’S tillidh sinn dachaidh ’sa gheamhradh A chumail nam Frangach o’n tìr. ’S ann againn tha ’n gleann maiseach fuaraidh, ’S cha ’n fheil cho fior uaigneach ’san tìr, Cha ’n fhaicear duin’ idir ach buachaill’, ’S na bodaich bhios cuartach’ na frìth’. Gheibh sinn ann eilid air uairibh, Is bheir sinn daimh ruadh as an fhrìth; Gheibh sinn ann greidh air gach fuaran, Is pailteas ri chuallach de nì. Gheibh sinn ann gobhair is caoraich, ’S bidh againn crodh-laoigh air na glinn, Ga ’m bleoghann le nionagan guamach, A’s binne na chuach an guth cinn. Gheibh sinn ann cnothan is caoran, Is gheibh sinn ann braonain gu leoir, Is dearcagan-fithich air fraoch-bheinn, ’S cha déid sinn ’n traigh mhaoraich ri ’r beò. Gheibh sinn ann bradanan tarra-gheal, A thig oirnn o ’n fhairge na ’n steall: Le slataibh ’s le morghaibh ga ’n ruagadh; ’S bu toigh le daoin’-uaisle bhith ann. ’S coma leinn cur agus cliathadh, ’S cha treabh sinn am bliadhna le crann; ’S ann bhios sinn ’sa mhaduinn ag iasgach, ’S mu fheasgar a fiadhach nam beann. Ged nach fheil sguab anns an t-sabhal, No caora, no gobhar, no meann, ’S ged nach fheil bó ann ri ’bleoghann, Bidh dùil ri sar chobhair nam beann. Nuair thig na gillean mu anmoch, ’S a leagas iad eallachan mu seach, Cha chluinnear guth aca de sheanachas Ach mar a shealg iad an damh. Am fac thu mar thill an cù ruadh e? Am fac thu mar bhuail e ’n cù glas? Thilg e a ladhran a suas air Cho ealamh ’sa bhuaileadh an t-srad. Nam faiceadh tu mis’ agus Sinteag Air còmhnard na frithe so shios, Gun duine, gun ghunna, na ’r còir ann; Gun ni gu ar còmhnadh ach sgian. Cha dean mi faoin ghleadhraich no bòsd uim’, Chaidh mise na chròicean gu dian, ’S chaidh ise gu h-ealamh na sgòrnan Mun d’ fhuaradh leinn seol air ’chur sios. Laoidh. LE ANNA CHAMARAN. O! gur duilich ri innseadh Mar thuit ar sinnsear’ o ghlòir! O’n cheud latha ’thuit Adhamh, ’S an d’ fhuair an nàmhaid oirnn còir, Chaill sinn sonas a b’ àirde, ’S chaill sinn an ailleachd a’s mò: Sinn ’nar cadal ’san fhàsach Is peacadh ’s bàs oirnn an tòir. Nis ’s ann tha sinn a’ gluasad Gun dion o fhuathas nan sian, Mar ’ni maraich’ gun chùram, Nach cum a shùil air an nial: An long a’ gleachd ris a’ chuan, ’S gach tonn ’g a bualadh gu dian, ’S mur ruig i cala na dìdein, O! c’àit’ am bi i gu sior? Tha cuid gu mòr air an luasgadh Mar chuilc air ghluasad le gaoith, ’Dol air aghart gun chùram, Gun solus iùil mar na doill; Ged a leughas iad Biobull, Cha tuig iad brìgh na bheil ann: ’S iad mar threud air an ruagadh Le sionnaich luatha gu teann. ’N tràth bha sinne neo-chiallach ’Toirt geill do mhiannan ar n-òig’ ’San t-slighe leathainn ’dol sìos A dh’ ionnsuidh siorruidheachd mhòir; Tric air uidil is faontradh Gun smuain air caochladh teachd oirnn; Le do laimh is tu ’stiùir sinn, A Dhe, ’s a chum sinne beò. Thainig Iosa g’ar fuasgladh, ’S fhuair e buaidh air a bhàs; Thug e saorsa bhith-bhuan do Dhaoine truagh’ a bha ’n sàs: Leanamaid-ne gu dlùth ’na Cheum le cùram do ghnàth; Dh’ aindeoin fochaid an t-saoghail, Gheibh sinn saorsa tre ghràs. Sibhs’ ’tha ’creidsinn na fìrinn, Leanaibh dìreach ’na cheum, Cumaibh fagusg do ’n Ti sin A dh’ ionnlaid sibh ’na fhuil fein: Cha sgar cumhachd gu bràth sibh, No beath’, no bàs, no aon éis, Re bhur cuairt troimh an fhàsach, O’n Ti ’thug gràdh dhuibh nach tréig. Ho ro, Cha’n ’eil Cadal Orm. ISE. Ho ro, cha’n ’eil cadal orm, Cha’n ’eil m’ air’ air sòlas, Mo chul-thaobh ri ceòl gàire Bho’n là chaidh mo phòsadh, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Bha m’ athair is mo mhàthair ’S mo bhràithrean uile deònach Mo phòsadh ris an t-seann fhear O’n bha mi gann de stòras, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. ’S e ’n t-òr thug an car asam, ’S e ’n seann fhear rinn mo bhuaireadh, ’S e ’m pòsadh rinn mo shàruch’, ’S tha bhlàth sud air mo ghruaidh-sa, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. ’Nuair bhitheas càch ’s na bailtean A crathadh an cuid ghùntaibh; Bith’dh mise leis an t-seann fhear A’s srann aig air mo chùl-thaobh, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Comhairl’ oirbhs’ a chaileagan, An earail so na diùltaibh: Gun tàir a dhean’ air òig-fhear Ged bhith’s a sporan sùmhail, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. ESAN. Ged nach ’eil an òig agam Dheanainn òr a chùinneadh, A’s ghleidhinn thu ’d bhean uasail Co math ri fear a’ d’ dhùthaich, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Nuair dh’ éidear le calico Guanagan na tìre, Bith’dh tusa leis an t-seann fhear A’s srann aig do ghùn sìoda, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Nuair bhith’s mnath’n a’ bhaile so Ri carachd a’s ri guaineas; Bith’dh thusa le d’ bhanaraich A cuir a chruidh do ’n bhuailidh, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. Tha naoi bliadhna ’n taice so O’n a chaidh sinn còmhladh, Tha ’n oighreachd an diugh sàbhailt’ A’s pàisd’ aic’ air a glùinean, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. O thàlaidh mi chadal i, ’S dh’ amaisinn air a dùsgadh, ’S tha m’ inntinn taingeil, toilichte, ’S mo sporan air a giùlan, Ho ro, cha ’n ’eil cadal orm. AMY MHORAIDH. Feasgair de dh’ Orain Albannach (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 377] [Vol. 9. No. 49. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 7, 1901. No. 49. Facal no Dha do Chuid de Nigheannan Oga na Duthchadh. LITIR III. NIS a nigheannan oga, ma chreideas sibh mi, ’s ann a chum ’ur math aimsireil agus spioradail a tha mi dol a labhairt ribh. Bheir mi comhairle na corach oirbh; ma ghabhas sibh i is math, agus mur gabh cha’n ’eil comas air. Tha sibh direach mar a tha cuid eile de shluagh an t-saoghail—tha sibh an duil gu bheil sibh ni ’s glice, ’s ni ’s turaile, ’s ni ’s banaile, ’s ni ’s modhaile, ’s ni ’s deanadaiche, na tha sibh. Tha sibh mar a tha ’ur leithidean eile. Theid mo chuimhne-sa cho fad air ais ri coig bliadhna deug thar fhichead; agus an uair a smaoinicheas mi air an dealachadh a th’ eadar na nigheannan oga a chunnaic mi o chionn choig bliadhna deug thar fhichead, agus na nigheannan oga a chi mi o latha gu latha a’ falbh nam bailtean, cha ’n urrainn domh gun aideachadh gu bheil iomadh cleachdadh ’n ur measg an diugh a b’ fhearr as na ann. Bha seann duine coir, a tha faisge air ceithir fichead bliadhna ’dh’ aois, a’ comhradh rium o chionn uine nach ’eil fada; agus thug sinn iomradh air oigridh na duthchadh, ’s air na bha iad a’ cosg ann an nithean gun fheum. “Innsidh mise dhuibh,” ars’ esan, “aon de na h-aobhair gu bheil an duthaich a nis cho bochd. Cosgaidh a h-uile nigheann og an diugh a dha uibhir ’s a chosgadh a mathair, agus cha dean i a leth uibhir a dh’ obair ’s a dheanadh a mathair. Cha teid i ceud slat o’n taigh gun ada, no bonnaid air a ceann. Ma bhios a’ ghrian ris feumaidh sgailean, no mar a their iad fhein parasol, a bhith os cionn an claiginn. ’S ann a tha mise iomadh uair, ’g an samhlachadh ri iasg grannda gun chumadh, a bhiodh a’ tighinn thun a’ cladaich anns a’ gheamhradh, ris an canar a’ ghiobhnach. Tha de riobagan ’s de luideagan an ceangal ri ’n cuid aodaich na lionadh poca an da bholla. Tha ’m falt air a ghearradh os cionn na mala aig a h-uile te dhiu, agus tha iad ag innseadh dhomhsa gu ’m bi iad a h-uile maduinn a’ casadh an gruaige leis a’ bhrod-ghriasaich an deis a dheanamh dearg anns an teine. Tha iad air fas anabarrach fearail. Chi mi gu bheil iad a’ gearradh an fhuilt air cul an cinn, ’s air clar an aodainn mar a ni na fir. Tha ’n seann-fhacal ag radh— “Is beag orm an rud nach toigh leam Eireagan a’ dol nan coilich.” Is mi tha ’n comainn a’ bhaird a rinn “Oran nam fasan.” Cha ’n ’eil air chuimhne agam dheth ach so— “Is tiom dhomh teannadh ri ’m oran A chur ann an ordugh, A dh’ innseadh cho proiseil, ’S a tha oigridh na tir’: ’S beag an t-ioghnadh luchd-orduigh, A bhith ’gearainn an comhnuidh, Air na h-adachan connlaich; Oir tha moran dhiu innt’; Tha luchd-teagaisg an aite, ’Toirt riuth air an caineadh, Aig cho beag ’s a tha nair annt’, ’S mar a chnamh iad an tir; Ged bhiodh airgiod a’ chruin ac’, Gu ’n cuireadh iad ump’ e, Ann am fasanan ura, ’S aobhar thurs’ bhi ’ga inns’. “Sid na maighdeannan guanach, ’Bhios a’ casadh an gruaige, Agus pad air a shuaineadh An lagan cruaidh chul an cinn, Le ’n cuid adachan neonach, Sios a’ falach an sroine, ’N deis an cur ann an ordugh Gu boidheach le siod’; ’S iad a thionndas gu h-uallach Ma bhios fleasgach ri ’n guallainn, Feuch an dean iad a bhuaireadh, O mo thruaigheagan sibh! Ged a dheanadh tu ’m posadh, ’S doirbh an cumail an ordugh, ’S nach dean iad car doigheil Gus an ol iad an ti. “Sid an te rinn an aimlisg, O ’n la thainig i dh’ Alba, ’S beag a chunnaic ar seanamhair, Dhi, gu dearbha, ri’ linn. ’S luibh, gu cinnteach, ro shearbh i, Tha i goid uainn an airgid; Mur a sguir sibh de h-eanraich, ’S ann a mharbhas i sibh: Ged a gheibheadh sibh paisde, Cha ’n urrainn sibh ’arach, Bidh ’ur cridhe ’ga fhasgadh Leis a’ chnamh a tha innt’; Gheibh sibh botul an uair sin, ’S piob a dh’ Indian suas ann, ’S beag an t-ioghnadh an sluagh sin, A bhith, mo thruaighe, gun chli.” So na th’ agam de ’n oran ghasda so. Ciod a nis ’ur barail air na thubhairt e?” “Ma ta,” arsa mise,” “labhair e ’n fhirinn. Tha mi ’cur m’ aonta ris a h-uile facal de ’n oran.” Bha ’n seann duine coir so anabarrach fada ’n aghaidh moran de na nithean a tha cho cumanta ’nar measg. Feumaidh mi fhein aideachadh gu bheil mi ro thoilichte bhith ’faicinn na h-oigridh a’ dol a mach air laithean Sabaid is seachduin ann an eideadh grinn, glan. Ach bu choir do gach te aodach a bhith oirre a reir a cosnaidh. Tha moran ann a tha ’n duil nach ’eil e measail dhaibh an lamh a chur ann an car cosnaidh. Tha iad anabarrach fada cearr anns an ni so. Ma sguireas na mnathan ’s na nigheannan de ’n obair a th’ aca ri dheanamh cha bhi ’n saoghal ach truagh dheth. Bitheadh gach aon dhibhse gu dichiollach, durachdach aig ’ur n-obair. Grad sguiribh de ’n mheud mhoir ’s de ’n leom a tha ’toirt oirbh a bhith ’smaointean nach bi meas oirbh mur bi sibh a’ falbh o bhaile gu baile ’n ur reulachan mar gu ’m bu leibh earrann mhor de ’n duthaich. Na biodh duil ’sam bith agaibh gu ’m bi tlachd aig gille coir ’sam bith dhibh fhad ’sa leanas sibh air ’ur goraiche. Tha fhios aig a h-uile fear anns am bheil tur nach urrainn e te dhibh a chumail suas, agus air an aobhar sin ’s fhearr leo fuireach gun phosadh gu brath na te dhibh a ghabhail. Anns na tiomannan cruaidhe so cha ’n e te de ’r seorsa fhreagradh air fear ’sam bith. Cha ’n ’eil de chulaidh spors aca ’s a bhaile ud thall ach Mairi nigheann Eoghainn. Dh’ fhalbh i do ’n Ghalltachd an uiridh, agus o ’n a thainig i dhachaidh am bliadhna cha dean i car ach a’ falbh nan cnoc le bata mor buidhe ’na dorn mar gu ’m biodh ablach ciobair ann. Neo-ar-thainig mar dean i cabaireachd ri gillean, ach mu dheidhinn gu ’n dean i car obrach cha ruigear a leas duil a bhith ris. Faodar a bhith cinnteach gu bheil gu leor dhe seorsa anns an duthaich. Air a h-uile cor bithibh an comhnuidh grinn glan; ach thugaibh ’ur ceart aire nach fas sibh mor asaibh fhein. Na biodh naire ’sam bith oirbh air son a bhith ’g obair. ’S ann bu choir naire a bhith air a h-uile te a tha ’ga meas fhein os cionn car a dheanamh a muigh no staigh. Tha, agus bha meas aig gach neach anns an robh tur air gach nighinn a ghluais mar bu choir dhi. Anns gach linn bha na baird a’ moladh, cha b’ iad a mhain na nigheannan maiseach, ach gach te a bha glic, deanadach, iriosal, caoimhneil, ciuin, modhail, measail. Cha chualas riamh a bhith moladh nan leomag, ged a bhiodh iad cho aluinn ris a’ ghrein. Cha ’n abair mi ’n corr an diugh; ach ma bhios mi beo cluinnidh tu uair no dha fhathasd uam. Is mi bhur dearbh charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. III. BHA Aonghas àrd-inntinneach cuideachd; ’s ged a bha fios aige gu ’m faigheadh e freagairt fhàbharrach do cheist àraidh a dheanadh duine sona dheth, cha bu toigh leis an deuchainn a chur air Catriona airson iomadh reusan. Anns a cheud àite cha bu toigh leis dachaidh mhath a chur a dhith oirre; ’s ged a bha fios aige gu fàilticheadh a phàrantan le lamhan sgaoilt’ i do thaobh an taighe, bha e faicinn gu robh gu leor a criomadh a chnamha sin na bha ann. Bha e pròiseil cuideachd; ’s ged a bhiodh Ailein ruadh fhein air a thaobh, ’s cùrsa leannanachd cho réidh ri ribinn, cha ’n fhaigheadh e e-fhéin toilichte le lamhan falamh a dol a phòsadh té aig am biodh tochradh reamhar, ’s ’ga chur fhéin fo chomain gu bràth, nan togradh i uair sam bith sealltainn air a chùis mar sin. Mar sin smaointich Aonghas aige fhéin gun robh e òg, luath, làidir, fallain; gun robh ’n saoghal farsuinn, ’s pailteas air uachdar airson gach aon; ’s ged a b’e àit’ àraich bu dluithe bhiodh gu bràth dha chridhe, gu fàgadh e e car ùine co-dhiù, agus gun toireadh e aghaidh air an t-saoghal ùr, agus dachaidh a chosnadh ann—dachaidh anns am biodh e-fhéin na righ—far nach biodh facal aig maor no bàillidh—far am biodh fios aige dé bu chiall do ’n fhacal neo-ar-thaingeil. Ann am beagan bhliadhnachan bha Aonghas na inntinn fhéin a faicinn na dachaidh réidh air a cuartachadh le coilltean àluinn, uaine ’san t-saoghal ùr, a bha o thùs an t-saoghail fo sgleò, le ’chuid beairteis fo ghlais, gus an d’ fhuaradh an iuchair a dh’ fhosgail e; ach ’s iomadh bliadh na theid seachad ma faicear grunnd na ciste fhathast. Lean e ’m bruadar taitneach so na b’ fhaide. Chunnaic e gach ni réidh, a chéis air a h-uidheamachadh, ach an gnothuch prionnspalach a dhith air—an dealbh. Thug e ’n acarsaid air ’s chaidh e air bòrd luinge, ’s thug e aghaidh air tìr nam beann ’s air Catriona, agus— Ach ’s tìm dhuinn Aonghas fhaighinn air falbh an toiseach mu ’n lean e na ’s fhaide ’m bruadar so. [TD 378] [Vol. 9. No. 49. p. 2] Tha e, ma ta, gu tùrsach a gabhail na slighe sios bun a ghlinne, ’n turus mu dheireadh ma falbh e. Cha ’n ’eil ceòl na ’bheul no na ’chridhe air an fheasgar so. Tha e beachdachadh gu geur ann an dòigh neo-àbhaisteach air gach stuc is gleann air an robh e eolach ma chuairt, ’s anns an robh e nis a faicinn bòidhchead dha nach tug e ’n aire riamh roimhe. Mar a thubhairt mi, bha e ’g amharc orra, ’s e mar gum b’ eadh, a tarruing an dealbh na b’ fhearr air clàr na h-inntinn na bha i roimhe, los gum biodh i na bu shoilleire ma choinneamh sùilean na h-inntinn aige ann an dùthchannan céin. Ach mu dheireadh tha e dlùthachadh air a cheann-uidhe. Thug e ’n aire gu robh cuideigin a tighinn na choinneamh, air a cheum a bha dol thun an fhuarain, ’s cuinneag na laimh. ’S math a dh’ aithnich Aonghas co bh’ ann, leis an leum thoilichte ’thug an cridh’ aig as. Co ghluaiseadh mar sud, no co aig an robh pearsa cho cumadail sud ach aon te? Ghreas Aonghas a cheum. Cha robh sùil aige do ni sam bith a nis ach do ’n òigh Ghaidhealaich a bha dol do ’n tobar; agus ann am beagan mhionaidean bha e-fhéin ’s Catriona aghaidh ri aghaidh. Tairnidh sinn sgleò càirdeil an fheasgair ma chuairt orra car ùine, oir cha bu toigh le aon againn, aig a leithid a dh’ àm, sùilean coimheach a bhith oirnn. Ach co-dhiù tha mi smaointean gun robh ’chuinneag a gabhail fadachd gu leor, air a taobh air a chnoc, fo dhriùchd an fheasgair. Ach bha fios aice, mar bu choir a bhith aig a h-uile cuinneag na leithid a chàs, gu ’m bu bheag aire bh’ aig a chàraid òig a bha diùrais dlùth, do rud cho faoin ri dealt na h-oidhche. Ach chaidh crioch mu dheireadh, ’n déis iomadh ionnsuidh, air a choinneamh, mar a theid air gach ni ri ùine, ’s chaidh bòidean teann, cruaidh, a bhith dìleas gu bàs, a sheuladh air gach taobh. Thionndaidh Aonghas aghaidh air a dhachaidh—oir dh’ fhan e gus an deach Catriona á sealladh. Ach mu ’n deach e dà cheum air aghart, nochd duine mach o chùl na creige moire a bha ri taobh an fhuarain, agus coltas an fhaoilich air a ghnùis. Chunnaic Aonghas le solus na gealaich a bha nis air éirigh, gum b’e ’nàmhaid, Ailein ruadh, a bha aige. Bha Ailein air tighinn an là sin fhéin. Agus air dhaibh a bhi gabhail fadail a stigh nach robh Catriona tilleadh leis an uisge, ghabh Ailein ruadh ceum sios feuch an tachradh i ris, agus an uair a dh’ aithnich e co bha na cuideachd dh’ ealaidh an seann sionnach gu cùl na creige feuch dé chluinneadh e, agus an uair a thuig e mar a bha cùisean cha robh Aonghas air a dhol na bu shine na bha e, nan deanadh droch rùin a mharbhadh. “Seadh, a fhleasgaich chealgaich!” ars’ esan, “tha mi nis a tuigsinn dé dh’ fhàg an ceum ’tha eadar so agus bothan suarach d’ athar air a chnamh cho math. Ach b’ fhearr dhut buinn do bhròg a shàbhaladh, oir tha fios agam nach ’eil e cho furasda do bhaigeir feadhainn a chur nan àite. Cha ruig thu leas a bhi smaointean air Catriona: cha b’ ann air do shon a chaidh a h-àrach idir, ged a tha i cho gòrach ’s gu bheil i smaointean gu bheil gaol aic’ ort. B’e sin an gaol”—’s e deanamh gàire magaidh—“nach biodh a ghorta fada fuadach a mach air an uinneig, nam biodh uinneag agad! Agus gheibh thu mach,” ars’ esan, ’s e leigeil a ghuth an àirde, ’s e air chrith le feirg, “gu ’m bi e cho fasa dhut d’ fhiaclan a chur anns a chreig ud, ri còir fhaotainn air Catriona fhad ’sa bhios mise beò, agus ’s leam i nis!” “Tha do cheann glas,” ars’ Aonghas, ’s e freagairt, “ga d’ dhion bhuam na ’s fhearr na ged a bhiodh deise stàilinn umad! Agus mar sin fàgaidh mi feasgar math agad, oir tha thu blàth, tha mi faicinn, agus faodaidh tu fuachd a ghabhail! Ach their mi so riut anns an dealachadh, bidh Catriona agam gu b’ oil leat! Oidhche mhath leat, ’Ailein!” (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. PRIONNS’ ALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH. CAIB. IV. AN uair a dh’ innis Mobarec do ’n phrionnsa mar a bhruidhneadh e ri righ nan fathach, thoisich e ri deanamh nan cleasan draoidheachd. Anns a’ mhionaid las dealanach a bha cho soilleir ’s gur gann nach d’ thug e uapa am fradharc. An deigh an dealanaich thainig tairneanach uamhasach. Chomhdaich tiugh-dhorchadas an t-eilean gu leir; sheid stoirm uamhasach, agus chualas ghlaodh eagallach; chaidh an t-eilean gu leir air chrith; agus bha crith-thalmhainn ann mar a bhios ann air latha mor a’ bhreitheanais. Chuir so eagal gu leor air a phrionnsa, agus bha e ’smaointean gu ’n robh am fuaim so ’na fhior dhroch mhanadh. An uair a thug Mobarec an aire gu ’n robh an t-eagal air, thainig fiamh gaire air, agus thuirt e, “Biodh misneach mhath agad, tha h-uile gnothach ceart gu leor.” Anns a’ mhionaid thainig righ nam fathach ’nan sealladh, agus e ann an riochd duine eireachdail; gidheadh bha rudeiginn de choltas mi-thoilichte air. Cho luath ’s a chuir am prionnsa failte air anns an doigh a theagaisg Mobarec dha, fhreagair righ nam fathach e mar so, agus fiamh gaire air: “A mhic, bha gradh agam do d’ athair, agus thug mi dha iomhaidh a h-uile uair a thainig e a thoirt urram dhomh. Tha cheart uiread de ghradh agam dhutsa. Thug mi ordugh do d’ athair beagan laithean mu ’n do dh’ eug e na briathran sin a sgriobhadh a leugh thusa air an t-sioda gheal. Gheall mi dha gu ’m bithinn ’g ad dhion, agus gu ’n tugainn dhut an naoidheamh iomhaidh, a tha moran na ’s maisiche na ’n fheadhainn a th’ agad mar tha. Tha mi air toiseachadh ri mo ghealladh a choimhlionadh dha. Is e mise a chunnaic tu as do chadal ann an riochd seann duine. Thug mi ort an taigh fo thalamh fhosgladh far am bheil na poitean anns am bheil an t-or, agus na h-iomhaidhean. Tha lamh agam anns gach ni a thachair dhut. Tha fhios agam c’ ar son a thainig tu an so. Gheibh thu an rud a tha thu ’g iarraidh. Ged nach do gheall mi do d’ athair gu ’n tugainn dhut e, tha mi deonach gu leor a thoirt dhut. Ach feumaidh tu an toiseach do mhionnan a thoirt dhomhsa air gach ni a tha naomh gu ’n tig thu air ais do ’n eilean so, agus gu ’n toir thu leat maighdionn aig coig bliadhna deug a dh’ aois, aig nach robh aithne air fear sam bith, agus nach do mhiannaich riamh gu ’m biodh aithne aice air fear. Feumaidh i bhith coimhlionta ann am maise. Agus feumaidh tusa thu fhein a chur fo leithid de stamhnadh ’s nach mianaich thu i an uair a bhios tu ’g a toirt an so.” Thug am prionnsa na mionnan ann-dana so mar a dh’ iarradh air. An sin thuirt e, “Ach, mo thighearna, ged a thachradh dhomh a bhith cho fortanach ’s gu ’m faighinn maighdionn dhe ’n t-seorsa a tha sibh ag iarraidh, cia mar a bhios fios agam gu ’n d’ fhuair mi i?” “Tha mi ag aideachadh,” arsa righ nam fathach, agus fiamh gaire air, “gu ’m faodadh tu ’bhith air do mhealladh le a coltas o ’n leith am muigh. Cha ’n urrainn sliochd Adhaimh breith a thoirt air cridheachan dhaoine, agus air an aobhar sin cha ’n ’eil mi gus earbsa a chur ’na d’ bharail-sa anns a’ chuis so. Bheir mi dhut sgathan a bhios na ’s cinntiche na do bharail-sa. An uair a chi thu maighdionn aig coig bliadhna deug a dh’ aois, a tha coimhlionta ann am maise, cha ’n ’eil agad ach sealltainn anns an sgathan, agus chi thu a h-iomhaidh ann. Ma tha i beusach, banail, bidh a’ ghlaine gun smal. Ach ma tha i air a’ chaochladh, bidh smal air a’ ghlaine. Bidh sin na chomharradh cinnteach dhut nach robh i cho glic ’s bu choir dhi bhith, ar neo gu ’n robh toil aice a bhith amaideach. Na dean dichuimhn air na mionnan a thug thu. Mar dhuine measail, seas ris na gheall thu, ar neo cuiridh mi gu bas thu, caoimhneil ’s mar a tha mi riut.” Thuirt prionns’ Alasnam gu ’n robh e suidhichte gu ’n cumadh e ri ’fhacal. Thug righ nam fathach dha an sgathan, agus thuirt e ris: “Sin agad an sgathan, a mhic; faodaidh tu tilleadh uair sam bith a thogras tu.” Ghabh am prionnsa agus Mobarec an cead de righ nam fathach, agus dh’ fhalbh iad thun an locha. Chuir fear a’ bhata tarsuinn air an aiseag iad mar a rinn e roimhe. Rainig iad far an d’ fhag iad na seirbhisich, agus thill iad air ais gu ruige Cairo. An uair a chuir Alasnam beagan laithean seachad anns an taigh aig Mobarec, thuirt e ris, “Rachamaid do Bhagdad a shireadh maighdinn a bheir mi gu righ nam fathach.” “C’ar son? nach ’eil sinn ann an Cairo?” arsa Mobarec. “Nach fhaigh sinn maighdionnan boidheach gu leor ann?” “Tha thu ceart gu leor,” ars’ am prionnsa; “ach cia mar a gheibh sinn fios c’aite am bheil iad?” “Na cuireadh sin dragh sam bith ort, mo thighearna,” arsa Mobarec, “is aithne dhomhsa seana bhoirionnach a tha gle ghlic ris an earb mi an gnothach, agus ni i e gle mhath.” An uair a dh’ innseadh do ’n t-seana mhnaoi mar a bha, fhuair i doigh air aireamh mhath de mhaighdionnan aig coig bliadhna deug a dh’ aois a thoirt an lathair a’ phrionnsa. Ach an uair a chuireadh dearbhadh orra leis an sgathan, cha robh a h-aon diubh freagarrach gus a toirt an lathair righ nam fathach. An uair a chunnaic iad nach robh aon mhaighdionn bheusach, bhanail ri fhaotainn ann an Cairo, chaidh iad gu ruige Bagdad. Ghabh iad taigh anabarrach mor maiseach anns an aite bu bhriagha dhe ’n bhaile, agus bha iad a’ caitheamh am beatha le mor-ghreadhnachas. Bha ’n taigh fosgailte aca do ghnath do na h-uile a thigeadh ’s a dh’ fhalbhadh. Bha na coran bidh a bhiodh aca an deigh gach cuirm a bhith seachad, air a chur a dh’ ionnsuidh bochdan crabhach a’ bhaile, a bha mar so air am beathachadh en soghail gach latha. Bha doctair a’ fuireach anns a’ chearn ud dhe ’n bhaile do ’m b’ ainm Musan. Bha e ’na duine uaibhreach, eudmhor, ardanach. Bha fuath aige do na daoine saoibhir a chionn gu ’n robh e fein bochd. Chual’ e bhith bruidhinn air prionns’ Alasnam, agus air a’ phailteas a bha ’na thaigh. Bha so gu leor gus a thoirt air fuath a thoirt do ’n phrionnsa. Air feasgar araidh an deigh na h-urnuigh fheasgair anns an eaglais, thuirt e ris an t-sluagh, “A bhraithrean, chuala mi gu ’m bheil coigreach air tighinn a dh’ fhuireach do ’n chearn so dhe ’n bhaile a tha gle bheairteach, agus gu ’m bheil e toirt suimeannan mora seachad a h-uile latha. Ciod e am fios a th’ againn nach e fior dhroch dhuine a th’ ann a ghoid moran airgid ’na dhuthaich fhein, agus a tha air tighinn an so gus an uine ’chur seachad ’g a thoileachadh fhein? Thugamaid an aire dhuinn fhin, a bhraithrean. Ma gheibh an righ fios gu ’m bheil a leithid de dhuine ’fuireach anns a’ chearn againne dhe ’n bhaile, tha aobhar eagail gu ’n dean e dioghaltas [TD 379] [Vol. 9. No. 49. p. 3] oirnn a chionn nach d’ innis sinn dha m’ a dheidhinn. Air mo shon fhin dheth, tha mi gu follaiseach ag innseadh dhuibh gu ’m bheil mi ’glanadh mo lamh as a’ ghnothach; agus ma thachras dad sam bith cearr, cha bhi coire sam bith ri chur as mo leithsa.” Bha ’n sluagh cho furasda ri ’n comhairleachadh ’s gu ’n do chreid iad a h-uile facal a thuirt Musan riutha, agus a dh’ aon ghuth thuirt iad ris, “Is e do ghnothach-sa th’ ann, a dhoctair: innis do ’n chomhairle m’ a dheidhinn.” Chaidh an doctair dhachaidh agus e gle thoilichte, agus sgriobh e iarrtus a bha e gus a chur air beulaobh an righ air an ath latha. Ach bha Mobarec anns an eaglais aig uair na h-urnuigh, agus chual’ e, cho math ’s a chuala cach, a h-uile facal a thuirt an doctair. Chuir e coig ceud bonn oir ann an neapaiginn, agus, comhladh ri pasgan de chaochladh sheorsachan sioda, dh’ fhalbh e leotha do ’n taigh aig an doctair. An uair a rainig e, labhair an doctair gu cas, gruamach ris, agus dh’ fheoraich e ciod a bha e ’g iarraidh. Fhreagair Mobarec gu ciuin caoimhneil, agus thuirt e ris, agus e cur an t-sioda ’na laimh, “A dhoctair, is mise do choimhearsnach agus do sheirbhiseach. Chuir prionns’ Alasnam, a tha fuireach anns a’ chearn so dhe ’n bhaile, mise far am bheil thu. Chual’ e deadh iomradh mu do dheidhinn, agus dh’ ordaich e dhomhsa tighinn far am bheil thu agus innseadh dhut gu ’m bheil toil aige eolas a chur ort, agus aig a’ cheart am, tha dochas aige gu ’n gabh thu ’n tiodhlac beag so uaithe.” Bhg aoibhneas thar tomhais air an doctair, agus labhair e mar so ri Mobarec: “Mo thighearna, bi cho math ’s gu ’n iarr thu air a’ phrionnsa mo leithsgeul a ghabhail. Tha naire orm a chionn nach deachaidh mi g’ a amharc roimhe so; ach gus dioladh a thoirt seachad air son an dearmaid a rinn mi, theid mi far am bheil e am maireach.” Air an ath latha an deigh na h-urnuigh mhaidne, thuirt Musan ris an t-sluagh, “Feumaidh sibh a thuigsinn, mo braithrean, gu ’m bheil naimhdean aig a h-uile duine. Tha naimhdeas is farmad gu sonraichte a’ leantuinn na muinntir aig am bheil saoibhreas. Cha ’n e droch dhuine a th’ anns a’ choigreach mun do labhair mi ribh feasgar an de, ged a bha daoine mi-runach ag innseadh dhomh gu ’m b’ eadh. Is e th’ ann prionns’ og a tha measail, cliuteach, subhailceach. Feumaidh sinn an aire mhath a thabhairt nach toir sinn droch naigheachd sam bith thun an righ m’ a dheidhinn.” (Ri leantuinn.). Comhradh. LE F. O. S. SEUMAS—Ach a thaobh a’ chogaidh a th’ ann an Africa feumar aideachadh gu ’n d’ fhàg e bròn ann an iomadh teaghlach. Tha a’ chunntas a fhuair sinn aig deireadh na bliadhna a chaidh seachad ag innseadh dhuinn gu ’n deachaidh mu cheithir mìle deug gu bàs eadar na mharbhadh agus na dh’ fhalbh le tinneasan dhe gach seòrsa. Tha bàs nam mìltean so a’ togail aire dhaoine mòran na ’s mò na tha bàs nam ficheadan mìle a tha faotainn a’ bhàis air aon dòigh no dòigh eile anns an rioghachd. Tha nàmhaid anns na trì rioghachdan againn a tha mòran na ’s eagallaiche, agus na ’s duilighe a chur fo cheannsal na na Boerich, a dh’ aindeoin cho gleusda ’s cho carach ’s a tha iad. DOMHULL—An e am peacadh a tha thu ’ciallachadh? Mur e, cha ’n ’eil mi ’tuigsinn idir ciod a tha thu ’ciallachadh. S.—Is e tha mi ’ciallachadh an galair eagallach ris an canar a’ chaitheamh—galair air am bheil thusa agus mise glé eòlach. Ach taing do Dhia cha robh e riamh anns na teaghlaichean do ’m buin sinn. D.—Cha robh, agus cha b’ fhearr gu ’m bitheadh. Is iomadh uair a bhios mi ’smaointean air teaghlach Aonghais òig. Tha cuimhne glé mhath agam air a’ bhliadhna thainig iad do ’n bhaile. Bha e fhein ’s a bhean ’s a theaghlach—agus bha iad ann seachdnar de theaghlach an uair ud—cho slàn agus cho fallainn coltas ri h-aon a bh’ anns an dùthaich. Ach o’n uair ud dh’ eug Aonghas agus a’ bhean, agus sianar dhe ’n teaghlach anns a’ chaitheamh. S.—Feumaidh gu ’n robh a’ chaitheamh anns an fhuil aca. D.—Tha cuid dhe na doctairean ag ràdh gu ’m bheil a’ chaitheamh a’ ruith anns an fhuil, agus tha cuid eile ag ràdh nach ’eil. Ach mar is trice cha ’n ’eil na doctairean dhe ’n aon bheachd. So mar a tha ’n gnothach an comhnuidh. Am beachd a bhios aig aon fhear cha ’n e a bhios aig fear eile. Mar so tha e glé dhoirbh do dhaoine a thuigsinn cò a tha ceart, agus cò a tha cearr am measg nan doctairean. Tha mi ’smaointean gu ’m bheil an àireamh a ’s mò dhiubh gun fhios aca gu math ciod is còir dhaibh a ràdh. Tha ’n earrann a ’s mò dhiubh glé aineolach air iomadh rud air am bu chòir dhaibh a bhith fiosrach. S.—Cha ’n ’eil feum sam bith dhomhsa no dhutsa a bhith ’bruidhinn mu na doctairean. Ni iad mar a thogras iad fhein, agus cha ’n fhaighneachd iad duinne ni sam bith. Ach tha amhrus làidir agam nach ’eil cuid dhiubh a’ tuigsinn nàdar agus aobhar nan tinneasan a tha cho cumanta am measg an t-sluaigh. D.—Tha e coltach gu ’m bheil a’ chaitheamh ’na galair cho doirbh a leigheas ’s a th’ anns an t-saoghal. S.—Tha sin fior gu leòr, oir tha tri fichead mile a’ bàsachadh anns na tri rioghachdan leis a’ chaitheamh a h-uile bliadhna! Agus o ’n a tha ’n galair so cho cumanta, cha chluinnear ach gann iomradh air. Ach na ’n deachaidh trì fichead mile a mharbhadh anns a’ chogadh, chluinneamaid mòran m’ a dheidhinn. Na galairean bàis air am bheil daoine glé eòlach o ’n òige, cha chluinnear mòran mu ’n deidhinn. D.—Tha daoine a’ smaointean gur e an Tighearna a tha ’gairm dhaoine air falbh leis a’ chaitheamh, agus tha iad a’ smaointean nach e bàsachadh ann an cogadh am bàs a dh’ òrdaich Dia do dhaoine idir. S.—Cha ’n ’eil an sin ach beachd mearachdach a tha cumanta am measg dhaoine anns gach cearn dhe ’n t-saoghal. Agus tha e comharraichte gur ann am measg dhaoine a tha ’g aideachadh na diadhachd is mò a chluinneas sinn dhe ’n bheachd so. Tha iad mar gu ’m biodh iad a’ creidsinn gu ’m bheil facal Dhé tur an aghaidh cogaidh. Ach tha iad mearachdach. Nach d’ thug Dia àithne do Mhaois a dhol a chogadh ris na h-Amalacaich? Nach d’ thug e àithne do Ioshua cogadh a dheanamh an aghaidh nan seachd cinneach a bha ’nan comhnuidh ann am fearann a’ gheallaidh? Agus ri linn nam Breitheamhna, an déigh bàs Ioshua, nach robh clann Israel a’ cogadh ris na cinnich a bha mu ’n cuairt dhaibh? Nach robh Daibhidh, an duine a bha a réir cridhe Dhé, ’na fhear-cogaidh ro ainmeil? Nach ann a’ cogadh a tha gach duine a h-uile latha dhe ’bheatha? Nach ann a’ cogadh an aghaidh a’ bhàis a tha mise agus thusa a h-uile latha dhe ar beatha? An uair a dh’ éireas tu anns a’ mhadainn, agus a ghabhas tu biadh is deoch, nach ann a’ cogadh a tha thu? An uair a tha thu ’cumail do thaighe tioram, blàth, nach ann a’ cogadh a tha thu? Nach ann a’ cogadh an aghaidh a’ bhàis a tha na doctairean a h-uile latha ’s a’ bhliadhna? D.—Tha na dh’ innis thu dhomh mu ’n chaitheamh a’ cur uamhais orm. Mur b’ e gur tu fhein a dh’ innis dhomh e is gann gu ’n creidinn gu ’m bheil trì fichead mile a’ bàsachadh leatha a h-uile bliadhna. Nach neònach nach ’eil luchd-sgil na rioghachd a’ cur as do ’n ghalair ro uamhasach sin? Shaoilinn gu ’m faigheadh iad am mach dòigh air cur as dha. S.—Tha iad a’ feuchainn ri cur as dha cho math ’s is urrainn daibh. Ach tha ’n cogadh gus a’ so a’ dol ’nan aghaidh gu mòr. Tha iad a nis a’ feuchainn dòigh ùr. Roimhe so is e ’n dòigh a bh’ aca a bhith ’cumail nan daoine tinne ann an seòmraichean cho blàth ’s cho druidte ’s nach fhaigheadh deò dhe ’n ghaoith g’an ionnsuidh. Ach a nis tha ’n luchd-sgil a’ tuigsinn gur i a’ ghaoth nàmhaid a’s mò a th’ aig a’ chaitheamh. O chionn beagan bhliadhnachan tha taighean-eiridinn air an togail air son muinntir na caitheamh. Agus anns na taighean so feumaidh na h-uinneagan a bhith fosgailte a h-uile latha agus oidhche a shamhradh ’s a gheamhradh. Tha luchd caitheamh, ma theid aca air gluasad idir, a’ coiseachd am muigh greis mhath a h-uile latha. D.—Shaoilinn nach biodh e freagarrach do dhaoine tinne ’bhith cadal agus na h-uinneagan fosgailte air an oidhche. Nach bi iad glé bhuailteach air fuachd a ghabhail? Nach ann o fhuachd a tha ’chaitheamh ag éirigh? ’S e sin a chuala mise riamh co dhiubh. S.—Is iomadh rud a chuala tusa agus mise nach mòr is fhiach. Tha iomadh beachd a bh’ aig daoine o shean nach còir dhutsa no dhomhsa ’leantuinn an diugh. Tha fallaineachd mhòr anns an àile ghlan. Agus tha na daoine air am bheil a’ chaitheamh a’ faotainn mòran fallainneachd o’n àile ghlan a thig o na beanntan ’s o na monaidhean. Is ann air na monaidhean àrda a tha fad o bhailtean a tha taighean-eiridinn air an togail air son muinntir na caitheamh. Ach ma theid daoine tuilleadh is fad air aghart anns an tinneas so, cha ghabh iad leigheas. Faodaidh duine sam bith a thuigsinn nach urrainnear tinneas a leigheas ma gheibh e tuilleadh ’s a’ chòir de ghreim air a’ chorp. Tha thusa a’ gabhail ioghnaidh a chionn gu ’n d’ innis mise dhut gu ’m bheil seachd fichead mìle tinn leis a’ chaitheamh anns na trì rioghachdan—sin ri ràdh, an Alaba, an Eirinn, ’s an Sasunn! Olc ’s mar a tha na Boerich gu marbhadh ’s gu leònadh, cha ’n ’eil iad a leith cho dona ris a’ chaitheamh. Agus tha ’m bàs a gheibhear anns a’ chaitheamh a cheart cho muladach agus, mar is tric, cho piantach ris a’ bhàs a gheibhear anns a’ chogadh. Faodaidh nach e so am beachd a ghabhas daoine air a’ chùis, ach tha na dh’ innis mise dhut fìor gu leòr. D.—Cha ’n ’eil mise a’ cur teagaimh sam bith anns na dh’ innis thu dhomh. Ach cha d’ thug mi fa near a’ chùis gus an do tharruinn thu m’ aire g’ a h-ionnsuidh. Agus tha mi ’creidsinn gu ’m bheil iomadh fear eile anns an dùthaich a tha cheart cho beag smaointean rium. S.—Tha thu ’g innseadh na firinn, a Dhomhuill. Ach cha ’n e a h-uile fear a dh’ aidicheas gu ’m bheil e aineolach ged a bhiodh fios aige air. D.—Tha iomadh fear aineolach aig nach ’eil fios gu ’m bheil e aineolach. Agus, a Sheumais, is e sin a tha ’gam fàgail cho fìor aineolach ’s a tha iad. Aon uair ’s gu ’n tuig fear gu ’m bheil e aineolach, bidh e gu nàdarra ’g iarraidh fiosrachaidh agus eòlais. (Ri leantuinn). [TD 380] [Vol. 9. No. 49. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IUN 7, 1901. THA rathad-iaruinn Inbhirnis ri bhi air fhosgladh mu mheadhon a mhios so, agus an deigh sin bidh an t-each-iaruinn a giulan luchd-turuis na h-uile latha eadar Hastings agus Broad Cove. Cha ’n eil an rathad fhathast air a chriochnachadh, agus cha bhi gu ceann àireamh mhiosan, ach thatar a dol a thòiseachadh air ruith nan carbad a chum ’s nach caill a’ chuideachd a tha deanamh an rathaid an cuideachadh a bha iad ri fhaotainn o’n t-siorrachd. B’ e aon de na cùmhnantan air an deach an cuideachadh a ghealltuinn dhaibh gu ’m biodhte a’ giulan luchd-turuis air an rathad romh dheireadh a’ mhios so. BHA e roimhe so na cheist air muinntir nan Stàidean, an robh no nach robh e laghail do ’n dùthaich sin seilbh a ghabhail air eilean no àite sam bith an taobh a mach d’a criochan féin, gun ghuth a thoirt do shluagh an àite sin ’nan riaghladh féin ’s an riaghladh nan Stàidean. Bha moran da na fir-lagha a b’ fhearr ’s an dùthaich dhe ’n bharail gu’m feumadh, Puerto Rico, Hawaii, agus na h-Eileanan Phillipeach a bhi air an cùnntas mar Stàidean eile, aig am biodh cothrom iad féin a riaghladh, agus aig am biodh guth mar an ceudna ann an riaghladh nan Staidean. Ach tha àrd-chùirt na dùthcha an deigh am beachd sin a thilgeadh bun os cionn. Tha na breitheamhan ag radh gu bheil e laghail do na Staidean eilean no àite céin eile air an gabh i seilbh a riaghladh, ma chithear sin iomchuidh, air dhòigh eile seach mar a tha na stàidean fein air an riaghladh. Tha a bhreth so a’ deanamh atharrachadh mor air seasamh nan Stàidean mar dhùthaich. Gus o chionn beagan bhliadhnaichean bha i, mar dhùthaich, a fuireach air leth o dhùthchannan eile ’s o ’n cuid chòmhstrithean. Ri ceist a bhiodh a cur eadar na cinnich eile, cha ’n iarradh ’s cha ghabhadh i gnothuch, mur robh buntainn sam bith aig a chùis rithe féin. Ach ’nuair a chaidh i chogadh ris an Spàinn chuir i cùl gu buileach ri comhairle clag Sgàinn—“an rud nach buin dut na bean da,” agus uaithe sin tha a teachdaire ri fhaicinn am measg theachdairean nan rioghachdan eile, ’sa togail a ghutha an àm a bhi feuchainn ri cùisean an t-saoghail a réiteachadh. Tha breth na h-àrd-chùirt a nise deanamh laghail do na Staidean àite sam bith air an gabh i seilbh a riaghladh á Washington, direach mar a tha Breatunn a riaghladh cuid de a colonies á Lunnuinn. Tha na Staidean mar sin air a toirt f’ ar comhair an riochd ùr, riochd anns an biodh e doirbh do Dheòrsa Washington, na ’m bu bheò e, a h-aithneachadh. Andra Carnagie. THA Mr Andra Carnagie, ’sa ghibhtean mora air son fogluim a tarruinn aire dhaoine o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Rugadh an duine so air crìochan na Gàidhealtachd ged nach abrar gur h-e an Gàidheal a th’ ann; agus mu ’n robh e ach ochd bliadhna a dh’ aois thainig e thairis do America. Fhuair e àite ’na bhallachan òg anns an do nochd e gu tràth gu ’n robh stuth math ann. Fhuair e air aghaidh gu h-anabarrach agus gu luath, agus mu ’n robh e ro shean dh’ fhàs e gu bhi làn beairteis. ’S fhiach e an diugh mòran mhilleinean, agus leis an airgiod mhòr so tha e glé shuilbhir. Feadh America agus anns an t-seann dùthaich féin sgap Mr Carnagie mòran airgid ann a bhi cuideachadh cùisean fòghluim. Ach air a’ mhios so chaidh thàinig sgeul a mach gu ’n robh e dol a chrùnadh nan oidhirpean so ann an Albainn le gibht Dà Mhillein Oir a dheanamh ionnsachadh aig na fòghlumaidean Albannach buileach saor. Tha so a’ ciallachadh gu ’m biodh a suas ri deich puinnd Shasunnach air am pàigheadh a’ h-uile bliadhna air son gach oileanach. Cha ’n eil teagamh nach biodh so ’na chuideachadh mòr do ioma balach bochd aig nach ’eil ach glé bheag do airgiod ’nuair a tha iad ag ionnsachadh. Bidh an t-airgiod so air a cheangal ris na ceithir fòghluimaidean Albannach, an Duneideann, an Abaraidhean, an Cill-ribhinn ’s an Glascho; agus cha bhi e air a phàigheadh air son feadhainn ’sam bith nach d’ rugadh an taobh a steach do chrìochan na h-Alba. Faodar a radh nach eil cuid de na h-Albannaich deònach an t-airgead so a ghabhail. Cha ’n eil iad air son a dhol fo chomain sam bith do dhaoine saibhir nan Stàidean air son an cuid foghluim. Tha Alba ainmeil air son a cuid foghluim, agus cha robh i riamh an comain muinntir dùthcha sam bith eile air a son. Ach o’n is aon d’ a mic fein an duin’-uasal a tha ’cur na gibhte so ’na tairgse, cha ’n eil teagamh nach gabhar i, eadhon ged a chaith e a chuid mhor de ’bheatha annn an dùthaich chéin a’ deanamh an airgeid. Thachair spraidheadh ann am mèinn ghuail ann a Wales air maduinn a cheathramh latha fichead dhe’n Mhaigh. Bha mu cheud duine air an dùnadh a stigh. Fhuaireadh àireamh dhiubh a thoirt a mach beò, ach bha còrr us ceithir fichead dhiubh air bàsachadh mu ’n d’ fhuaireadh g’ an ionnsuidh. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,980.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 381] [Vol. 9. No. 49. p. 5] Naigheachdan. Toiseach na seachdain s’a chaidh thuit duin’ òg d’ am b’ainm Seumas Lacey marbh le tinneas a’ chridhe ann am priosan Halifacs. Bha e air a chur a stigh air son meairle, agus bha aige ri bhi ann sia miosan. Cha robh e ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Air a’ cheud latha dhe ’n t-samhradh bha da cheud gu leth mile saighdear aig Breatunn ann an Africa mu Dheas. Chosg an cogadh, gu ruige ’n latha sin, £147,657,000, no mu $716,613,000 an airgead na dùthcha so. Ged a bha daoine ’n dùil nach robh gu bhi ann an cogadh nam Boereach ach cogadh beag, chuir e call mor air Breatunn ann an daoine ’s ann an airgead. Tha a’ phlàigh a’ bristeadh a mach o àm gu àm an an caochladh chearnan de ’n t-saoghal. A chionn i bhi ann an Cape Town, cha’n eil fhios nach tig air Diuc Chornwall Africa mu Dheas a sheachnadh air a thurus timchioll an t-saoghail. Tha a’ phlàigh ann a Hong Kong, an Sina, agus ag aobharrachadh moran bhàs. Ann an aon seachdain o chionn ghoirid, chaochail da cheud leatha anns a’ bhaile sin. Cha ’n eil an t-iasgach ach anabarrach dona ann an St. Pierre air an t-samhradh so. Bha na h-iasgairean Frangach roimhe so a’ ceannach biadh-dhubhan ann an Newfoundland, ach am bliadhna cha ’n fhaodar biadh a chreic riutha air an eilein sin, agus cha’n urrainn iad iasgach a dheanamh as aonais. So aon dòigh air am bheil riaghladh Newfoundland a feuchainn ri toirt air na Frangaich an còirichean air a chladach a deas a thoirt suas. Tha dòchas aig muinntir a bhaile so gun taghail Diuc agus Ban-diuc Chornwall ann nuair a bhios iad a’ cur cuairt air Canada, agus tha cuireadh ri bhi air a thoirt daibh sin a dheanamh. Tha fios a thainig deireadh na seachdain s’a chaidh ag radh gu bheil an soitheach air am bheil iad gu taghal ann an Sidni air son guail, ach dh’ fhaodte nach tig a chàraid rioghail air tir an uair sin. ’S ann am baile Chuebec tha iad ri dhol air tir an toiseach, agus ’s ann á Halifacs a dh’ fhalbhas iad. Chaidh Tomas C. Moxham, mac do A. J. Moxham, a mharbhadh aig an obair-iaruinn feasgar Di-ciaduin. Bha e ’dol air bòrd tréin-obrach, nuair a thuislich e, ’s chaidh càr thairis air. Ghlac na cuidhlichean e mu na guaillnean, agus bha e marbh air ball. Bha e mu cheithir bliadhna fichead a dh’ aois, agus bha e pòsda mu mhios an deigh an ama so an uiridh. B’e an t-aon bu shine de theaghlach ’athar; dh’ fhàg e aon bhràthair agus dithis pheathraichean. Bha ’athair ann an New York ’nuair a thachair an sgiorradh. Ann an October, 1897, chaidh W. C. Anslow, fear-deasachaidh paipeir, air chall faisg air Newcstle, N. B., agus cha d’ fhuaireadh sgeul air riamh gus an la roimhe, nuair a fhuaireadh a chorp ri taobh aibhne le fear a bha ràthadh fiodha. Bha e mu ochd mile o’n àite as an d’ fhalbh e, agus cha robh e ach gann leth mhile o thigh. Bha an corp air cnàmh cho mor ’s nach gabhadh e aithneachadh, mur b’ e gu robh gunna, sgian-phòca agus uaireadair a bhuineadh do’n duine mharbh air am faotainn ri thaobh. Tha e gle shoilleir gur e dhol air chall a rinn an duine bochd, ’s gu robh e air a chlaoidh gu bàs a feuchainn ri àite-comhnuidh a thoirt a mach. Re nan coig miosan a chaidh seachad dhe ’n bhliadhna so, bha ceithir cheud us tri deug air fhichead air an glacadh ’s air an cur dh’ an phriosan ann an Sidni. Air a mhios Màigh leis féin bha sia fichead ’sa seachd deug air an glacadh. Cha mhor nach bu luchd-daoraich iad uile. Chaidh Caiptean Uilleam Ceanadach a mharbhadh aig laimhrig a ghuail ann an Louisburg Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair anns a’ phòcaid nuair a thuit meall mor guail air, ’ga thiodhlacadh fodha ’s ’ga mhùchadh gu bàs. Cha d’ fhuaireadh a thoirt as gu ceann leth-uair, agus an uair sin bha e marbh. Chaidh fear Iain Hamilton a mharbhadh aig an obair-iaruinn Di-dònaich s’a chaidh. Thuit e fo chàr a bha e ’n deigh a cheangal ris an tréin, agus bha ’amhach ’sa chasan air am bristeadh, ’s fhuair e bàs air ball. Bha e seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Bhuineadh e do Thruro, agus cha robh e ’g obair do chuideachd an iaruinn ach beagan is seachdain. Chaidh paipear-naigheachd a thatar a cur a mach ann am Bail-a-cliabh a chur ’na thàmh air a mhios Màigh air son a bhi labhairt gu mi-iomchuidh mu Righ Iomhar. Bha Iomhar gle dhiùmbach nuair a chual’ e gu ’n do chuireadh stad air a phaipeir, ’s thug e òrdugh seachad gun a leithid a dheanamh tuilleadh os a leth-san. Tha e lan dheònach e-fein ’sa chliù fhàgail an làmhan a chuid iochdaran. Tha strike ann an Sidni air an t-seachdain so. Tha na clachairean, na clachairean-creadha, na plasterers agus painters, ’nam seasamh a mach ag iarraidh an lath’-obrach a ghiorrachadh gu naodh uairean, gun isleachadh tuarasdail. Bha a’ chuid a ’s motha de na clachairean ag obair do chuideachd an iaruinn. Tha mu dha cheud gu leth duine a mach uile gu leir, agus tha a’ mhor-chuid dhiubh ag radh gur fhearr leotha am baile fhàgail na dhol air ais gu obair nan deich uairean. Chaidh coignear dhaoine a chrochadh ann an cearna de Chalifornia air an t-seachdain s’a chaidh. Bu cheathrar dhe ’n choignear sin athair agus a thriùir mhac. B’ e ’n gnothuch a chuir iad an gniomh ’s air son an deach an cur gu bàs, gu robh iad ri goid each. Bha iad ris an obair sin o chionn àireamh bhliadhnaichean, gus an deach an ghlacach an la roimhe ’s an cur dh’ an phriosan. Mu mheadhon oidhche, chruinnich buidheann dhaoine mu ’n phriosan, thug iad buaidh air luchd na faire ’s an sin thug iad a mach na priosanaich ’s chroch iad ri ceann drochaid iad. ’Se àite anabarrach cunnartach a th’ ann an Eilean Sable air cladach a deas Nobha Scotia. Cha ’n fhaicear an t-eilean so le maraichean ach ’nuair a bhios iad gle fhaisg air, a chionn nach ’eil craobh de sheorsa sam bith a fàs air agus gur e gainmheach a th’ann air fad. Tha a mhuir, a bharrachd air sin, a deanamh call mor air an eilean agus tha e a’ fas na ’s lugha a h-uile bliadhna. Tha riaghladh na duthcha an deigh àireamh mhor de chraobhan sior-uaine a chur ann air an t-samhradh so, agus ma dh’ fhàsas na craobhan sin, bidh aobhar taingealachd aig iomadh seolàdair bochd; oir ’s iomadh duine treun a chaill a bheatha air cladaichean an eilean so. Ni na craobhan an t-eilean na ’s furasd’ fhaicinn bhar na mara, agus nuair a ghabhas iad freumh gu math ann, cumaidh iad e o bhi cosg le obair nan tonn. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 382] [Vol. 9. No. 49. p. 6] Sgeul a Africa mu Dheas. Bha duin’ òg a mhuinntir Ghlaschu an so, an uair a ràinig mi. ’S ann a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich a phàrantan. Thainig e do ’n dùthaich, mar a rinn ioma duin’ eile, o chionn gràinnean bhliadhnachan. Phos e nighean aon do na tuathanaich fhiachail, chothromach, agus gun smaoin air cogadh a thighinn chaidh a dheanamh na fhear-baile do ’n tìr anns an do thuinich e. Bhris air a shlàinte, agus dìreach mu’ n na lathan anns an do thòisich an cogadh fhuair e soitheach “dhachaidh” mar a theirtear. Bha e sèa mìosan air falbh, agus thill e do’n bhaile so ’an dochas gu’m faigheadh e suas thun a mhnatha gun mhòran dragh, agus gu’n tigeadh crìoch aithghearr air a chogadh. Bha e mìosan an so gu tùrsach, gun diog m’a mhnaoi. Nan rachadh e far an robh i rachadh greim a dheanamh air leis na Bòerich, agus dh’ fheumadh e airm a ghlacadh an aghaidh a luchd-dùthcha. Cha b’ urrainn da so a dheanamh; mar sin dh’ fheith e bhos. Mu dheireadh fhuair e fios mu ’mhnaoi. Bha i gu math, ’s bha leanabh òg aice. Ghlac do fhadal air gu ’n d’ fhalbh e, ged a bha sinn a guidhe air fuireach tacain fhathast. An deigh uin’ fhada fhuair sinn fios uaith féin, gu’ n d’ruig e a dhachaidh. Ach an ceann dà latha thainig duine a chunnaic e—thainig rosadh air an arm againn, theich a h-uile duine, agus thuit ar caraid ’an làimh nam Bòerich. Bha sinn ann am mulad mu dhéighinn. O cionn trì seachdainean thainig bean agus teaghlach an fhir a dh’ innis an sgeul, agus aig an àm ’s an d’ fhàg ise bha iad air binn bais a thoirt a mach air. Chaidh urchair a chur ann an dithis eile a chaidh a ghlacadh comhla ris, ach tha sinn daonnan a cumail a suas ar dòochas gu ’n rachadh ar caraid a leigeadh as. Bha ’athair-céile, agus aon bhràthair-ceile an sàs leis: cha togadh aon diubh làimh an aghaidh Bhreatunn, ach bha na Bòerich làn amh’rus, agus corruich, ag ràdh gu’n d’thainig M. air ais ann an caochladh barail ’s a dh’ fhalbh e, ’s gu’n robh e ’m bun cuid do’n iorghuill ’s an aite. ’S ioma naigheachd do ’n t-seòrsa so a dh’ fhaodainn a sgriobhadh. K. W. G. Geiread-cainnte no “Wit.” Am faighear ann an cainnt, an còmhradh, no an litreachas nan Gàidheal am feart sin ris an abrar anns a’ Bheurla “wit,” agus, ma gheibhear, ciod e ’dhreach no ’ghnè? Gheibhear, deir an leughadair, oir ciamar a nithear Sean-fhocal as eugmhais. A reir mo bheachd féin ’s e ’m feart so beatha an t-Sean-fhocail. Tha iomadh Sean-fhocail aig Goill Albainn; ach their na Sasunnaich gu tric nach fhaighear an ni sin ris an can iad fein “wit” am measg nan Gall, agus tha e gun teagamh fior nach ’eil focal againn ’s a Ghaidhlig a dh’ eadar-theangaicheas gu dligheach am focal beag brighmhor so. Ach ged nach ’eil aon fhocal Gaidhlig againn a fhreagras do ’n fhocal Bheurla, tha ’bhuaidh inntinn a tha ’m focal Beurla ’cur an ceill dligheach d’ ar Sluagh. Gheibhear an doigh chainnt am measg nan Gàidheal gu tric ’n ar latha féin, agus dearbhaidh ar litreachais gu ’n robh am feart ceudna air a chleachdadh mar mhodh-teagaisg ’s an àm a dh’ fhalbh. Is feart e, a reir mo bheachd, aig a’ bheil àite an inntinn an duine, agus a gheibhear, ann an tomhas mor no beag, am measg gach Sluagh. Is modh-teagaisg e tha fìor chumhachdach, ach fìor chunnartach. Air àm ’s an àite iomchuidh, tha e cho dligheach ’s a tha e cho comasach; ach is arm e tha sàbhailte an laimh céille a mhàin. Ris an fheart so ris an abrar “wit” ’s a’ Bheurla, abraidh sinne gu tric géiread, deise, no sgaiteachd cainnt. Cha ’n ’eil againne, mar anns a’ Bheurla, aon fhocal air a chur air leth a chum am feart so a chur an ceill; ach saoilidh mi gu bheil an ni fein soilleir gu leoir do gach neach. Anns a’ bhuil is àirde gus a’ bheil cainnt air a cur, ma dh’ fhaodte nach ’eil àite sonruichte air a chur a mach do ’n fheart so. Tha e fìor nach robh cuid de na h-inntinnean a b’ àirde comharraichte airson sgath an cainnt. Gheibhear òirdhearcas, neart, ’us maise air gach taobh duilleag de Oisein; ach cha ’n fhaighear am feart so ’na bhàrdachd. Cha do chuir a mhor chuid de na daoine a theagaisg an saoghal le doimhneachd ’us farsuingeachd an inntinn moran earbsa á sgaiteachd an cainnt. Agus aidichidh gach neach gu robh an t-aon a bu chumhachdaiche guth am Breatunn ’n ar latha-ne—Gladstone—air deireadh anns an fheart so. Ach cha ’n aobhar so gu dimeas a dheanamh air. Mar dhòigh sgriobhaidh ’us labhairt tha àite fein aige; agus mar mhodh-teagaisg tha ’chumhachd mór. Is iomadh ni a thig gaisgich as eugmhais air nach faod daoine is laige tàir a dheanamh. Ach is arm so a dh’ fhaodas an laoch is treise a ghiùlan. Is ann á neart a ghairdein ’s á faobhar a’ chlaidheimh a bhitheas earbsa an laoich ’s a’ chòmhstri, ach is tric a chuir sàthadh de ’n bhiodag as do ’n nàmhaid a thainig ro dhlùth. Cha ’n ionndrain sinn am feart so á Oisein; ach co leughadh Rob Donn as eugmhais. Ràinig Gladstone an t-àite is àirde ’s e dhìth air; ach c’àite robh Disraeli mur bhith e? Co ann a tha ’m feart a’ co-sheasamh? Cha ’n ’eil e furasta mhineacheadh. Tha dhòigh fein aige airson a rùin a choilionadh. Cha ’n ann le buille trom ach le buille clis a tha e toirt na h-inntinn gu talamh. Tha e deanamh greim air smuaintean a tha tur-dhealaichte o cheile, ’g an ceangal ’s ’g an toirt, gun rabhadh, fa d’ chomhair. Tha buaidh aig gach ni ùr ’us neo-chumanta thairis oirnn. Is ann air a’ bhuaidh so tha “wit” a’ tighinn beò. Thig e ort gun fhios ’s REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Ur! Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 383] [Vol. 9. No. 49. p. 7] tha dreach na firinn air a’ ghnuis. Ach mu ’m bi an t-aoidh cridheil, sùnndach so fada a d’ thigh, is dòcha gu’n sonruich thu riantan ann nach ’eil uile gu leir ionmholta. Anns na ceuman is cudthromaiche ’s is sòluimte de d’ bheatha, cha mheas thu ’n a chompanach freagarrach e. Aig feill no aig banais cha tigear ro mhaith as eugmhais, agus is tric a dh’eutromaich e uallach an fhir a bha ’g a shàruchadh; ach ann an àmhghar, an trioblaid, ’s am bàs, agus co de’n chinne-dhaonna nach feum imeachd air an slighean so, roghnaicheadh tu companach a bu stéigheile dòigh, a bu chinntiche gluasad, ’s a bu bhlàithe cridhe na ’n companach luaimneach, ciogailteach, dàicheil so. An Losgann. Bha banrigh ann roimhe so a bha tinn, agus bha triùir nighean aice. Thubhairt i ris an té ’bu shine, “Falbh do ’n tobar fhìor-uisg’, agus thobhair do m’ ionnsuidh deoch gu m’ leigheas.” Dh’ fhalbh an nighean agus ràinig i ’n tobar. Thàinig losgann a nìos a dh’ fharraid di am pòsadh i e na ’m faigheadh i deoch d’a màthair. “Cha phòs mis ’thu, ’chreutair ghrànnda! air aon chor.” “Mata,” ars’ esan, “cha ’n fhaigh thu ’n t-uisge.” Dh’ fhalbh i dhachaidh, agus chuir a màthair air falbh a piuthar a b’ fhaisge dhi a dh’ iarraidh deoch do ’n uisge. Ràinig i ’n tobar, agus thàinig an losgann a nìos, agus dh’ fharraid e dhi am pòsadh i e, na faigheadh i ’n t-uisge. “Cha phòs mis’ thu, ’chreutair ghrànnda,” ars ise. “Cha fhaigh thu ’n t-uisge mata,” ars’ esan. Thill i dhachaidh, agus chaidh a piuthar a b’ òige ’dh’ iarraidh an uisge. An uair a ràinig i ’n tobar thàinig an losgann a nìos mar a b’ abhaist, agus dh’ fharraid e dhi am pòsadh i e na ’m faigheadh i ’n t-uisge. “Mar am bheil seol eil’ agam air leigheas fhaotainn do m’ mhàthair pòsaidh mi thu,” ars’ ise, agus fhuair i ’n t-uisge, agus slànaicheadh a màthair. Bha iad an déigh gabhail mu thàmh ’san oidhche an uair a thàinig an losgann do ’n dorus ag ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” An uair a bha e gun tàmh ag ràdh mar so, dh’ éirich an nighean agus thug i stigh e, agus chuir i cùl an dorus e, agus chaidh i ’laidhe; ach cha robh i fada ’na luidhe an uair a thòisich e rithist air a ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i ’n sin agus chuir i fo noigean e. Chum sin sàmhach e tacan; ach cha robh i fada ’na luidhe an uair a thòisich e rithist air a ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i rithist agus rinn i leaba bheag dha taobh an teine; ach cha robh e toilichte. Co luath agus a bha i ’na leaba thòisich e rithist air a ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i ’n sin agus rinn i leaba dha làmh ri ’leaba féin; ach bha e gun tàmh ag ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” Ach cha robh i ’tabhairt feairt air a ghearan gus an dubhairt e rithe, “Tha seana chlaidheimh meirgeach cùl do leapa leis an fheàrra dhuit an ceann a thobhairt dhìom, na ’bhith ’ga m’ chumail am péin ni ’s faide.” Ghabh i ’n claidheamh agus gheàrr i ’n ceann deth. An uair a bhoin an stàilinn da dh’ fhàs e ’na òganach dreachmhor, agus thug e iomadh buidheachas do ’n ògbhean a bha ’na meadhon an druidheachd fodh an robh e ré uin’ fhad’ a’ fulang, a chur dheth. Fhuair e ’n sin a rìoghachd, oir bu rìgh e, agus phòs e ’bhana phrionnsa, agus bha iad fada beò gu subhach còmhla. “The Cupid’s Casket.” “My dearest Tommy,” deir Lady Myshrym ri Captain Goblets, ’s an “drawing-room” leo féin, air an oidhche ’s an do thuit e an gaol air Lady Dora, ‘the Fairy of the Sleepy Hollow,’ “my own truest knight errant, in running to earth the accursed poachers you have fully earned my heart and hand. O! you are not well my darling.” (Dh’ fhàs an Captain cho bàn ri breid). “Have a glass of this old brandy to revive you.” (Dh’ òl e siod agus phill an fhuil na aodann). “O! joy, you are better now. Speak, my own Tommy, and say you love me.” “Most noble Lady,” deir Tommy, “you must forgive me. A change has come over my sentiments. I cannot marry you.” “O! you heartless brute,” deir ise, “you loved not me but mine. I would sooner marry a poor but honest crofter lad than the rich but wretched Captain T. Goblets.” “That is to say,” deir Captain T. Goblets—oir fhuair e misneach a nis—”if the poor but honest crofter lad would aspire to such an honour.” “Wretch!” deir ise, “having no heart to feel with we will make you feel in your purse.” Aig so bhuail a bhantrach mhòr an clag agus air do “flonkey” e féin a nochdadh, a deir i—“Jenkins, please tell the Lady Dora I want her!” Thainig Lady Dora. “Dear Fairy of the Sleepy Hollow,” deir i rithe, ”please bring me my Cupid’s Casket, (thug am “Fairy” a steach siod). “You need not go darling.” (Bha am Fairy dol a philleadh air a h-ais). “I have got a sweet tit-bit of society scandal, dear Fairy of the sleepy Hollow, which is about to create a great sensation in the law courts of this Kingdom, and I wish now to share it with the gallant captain and yourself.” “I am dying to hear it,” deir Lady Dora. Dh’ fhosgail a’ bhanntrach mhòr an Cupid’s Casket agus thug i litir as. “How will this do for a love-letter in the case? It is from the gallant to his lady-love:—‘Adored one, would that instead of being the richest lady in the land you were the poorest lassie so that I—’” “Excuse me, most noble Lady,” deir an Captain, “as I have a most pressing engagement I must now leave your delightful company.” Bhuail an ladan clag. Thàinig Jenkins. “Jenkins,” ars ise, “please show this gentleman out.” C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH, Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr Amy Mhoraidh. FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH. (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 384] [Vol. 9. No. 49. p. 8] Failte na Duthcha. LE IAIN MAC LEOID, L.L. D. Bi ag innse dha ’n Uirinn, Do Chuineag, ’s do Shùilbhein, O mhullach Stròin-chrùbaidh Gu seann Rudha Stòrr, Gu ’m faic iad mi tighinn Chur fàilt’ orra rithist Mar chàirdean ’s mar chinneadh Mar rinn ni na m’ òig’. Cha ’n ’eil eadar Asair, Is Cóigeach na h-àirde, Cnoc, beallach, no bràghad, Eilean, àiridh, no beinn Nach toireadh dhomh urram, Ciad fàilt’ agus furan, Nan tiginn o Lunnainn Gu dùthaich nan gleann! Nuair dh’ éirinn ’sa mhaduinn, ’S a’ ghrian air a casan Thar bheanntaichean Asaint, O dhùthaich Mhic-Aoidh; ’S an uiseag, ’s an fhaoileag, ’S na smeoraich bu chaomh leam ’Deanamh ceòl dha ’n an t-saoghal Le furan glé bhinn. Co ’n cridhe nach éireadh, Le iorram cho éibhinn? Mac-talla ga éigheach O chnoc agus beinn. Mi-fhéin agus Màiri Air mullach na h-àiridh, ’S a broilleach cho àillidh Ri éirigh na gréin. Bu bhinn leam gach feadan O mhaduinn gu feasgar, Bu ghreadhnach gach sealladh, ’S bu taitneach gach fuaim; Bu cheol leam an cànran Aig tonnan na tràghad, Ged bhiodh iad ri rànail Fo shlat na gaoith tuath. Bu toil leam do chomunn, O dhùthaich na seallan, Ann an samhradh na lusan, Na geamhradh na fuachd; Bu shlàinte dhomh t’ fhàileadh, ’Fhir dhligheach nan Gàidheal, ’S i sin a rinn m’ àrach Mar dharach nan dual. Thoir mo shoraidh gu Cròna, Far am b’ àill leam ’bhi seòladh Mar ri Iain Mac-Dhomhnuill Agus Aonghas Mac-Aoidh; ’S nuair a thogadh i dosan Ri stròin nam fear dosach, Bhiodh na seoid ud air thoiseach Ann am peirceall na gaoith. Bu cheol leam a farum, Eadar shiùil agus sparran, Troimh stuadhannan mhara, ’Dol seachad nan caoir; Dheanainn uaill anns na balaich ’Bhereadh fàilte dhomh dhachaidh: Dheanainn sùgradh is aighear Ann am fochar nan laoch. Clarsach Chrona. LE DOMHNULL MAC LEOID. Nam biodh Domhull deas le lidean, Mar tha e leis an tuaigh, Cha bhiodh Clarsach Chròna idir Gun mholadh measg an t-sluaigh. Tha mi suidhichte nach éibh mi An deigh na Greig ’s na Ròimh, Gu mo chobhar air na téudan Ga d’ mholadh, Ollamh chòir. Cha b’e cleachdadh nan seann Ghàidheil ’Bhi ’g éigheach air na deigh: ’S ann le luths is spionnadh gàirdein A chobhair iad iad-fhein. Air na muses dhubha ’n dòlais Cha robh iad a’ cur feum; ’S mor gu ’m b’ annsa leò Beinn Dòrain Na cnoc Pharnaseis fhein. Iain Mhor mhic Dhomhuill ’ic Uilleim, A sheòid! ’sa mhic an t-seòid! Tha a Ghàilig agad ullamh, Ged bha thu ’n Lunnainn òg. Ged tha cainnt na Ròimh ’s na Gréige Na d’ cheann, is cainnt nan Gall; Cainnt do mhàthar—cainnt an fhéilidh— Cha do leig thu i air chall. Thainig spiorad sèamh na bàrdachd Gun teagamh air do cheann: Feuch gun tabhair thu dha fàrdach, ’S nach bi do dhàin cho gann. Ni iad seanachas anns an Eiphit Air Cuineag àluinn, chas; Bidh a h-ainm ac’ aig a chéilidh, S na h-eileanan fad as. Bidh an domhain uile eòlach Air Cròna ’s air a Pharbh, ’S air a liuthad lochan bòidheach Tha thall air an Trian Gharbh. Ann an tairt is teas Australia Bidh t-òrain air an seinn; Is bidh fios ac’ anns an Asia Air àilleachd a Chulcheinn. Chuala cuideigin thu cantainn, ’S do thaic ri bun a chruinn, Air son òr—na tha an Sasunn— Nach fhàgadh thu ’n Culceinn, Thuirt thu cuideachd ann an òran— ’S na ’s fhearr cha d’ rinn Rob Donn— Gum b’e t’ annsachd a bhi ’seòladh Mu Chròna ghlas nan tonn. Gheibh thu bàigh is cliù mar thoill thu, Nach d’ roghnaich thu an t-òr; Tha do bhuadhan àrd os cionn rud Nach toir sinn leinn do ’n Stòrr.* C’uin a chi mo shùil a rithist Do bhirlinn sgiobalt’, ghrinn A’ tilgeadh still de ’sròn nuair bhitheas I ’g eiridh air na muill? ’S tu ga cumail ris an fhuaradh, Gu daingean is gu teann; ’S tu a’ seasamh liuthad cruadal, Mar dharach cruaidh nam beann. Cas ’sa spùidsear ’s cas ri tota, ’S tu ’pronnadh dàn is rann; Cha bhiodh ann ach smior an dota Nach togradh a bhi ann. Tha na h-Asaintich a’ cantuinn Nach caochail thu gu tinn: Gu ’m bi gainmhich na do chlaigionn Air cladach a’ Chulchein. Ach ma sheasas siùil ri sparran, Gun stracadh leis a ghaoith, Ni sinn uile ’n dòchas altrum Nach caillear thu a chaoidh. *Cladh a’ Stòrr. Bha Uisdean Keay agus Tomas Carey air am feuchainn ann an Guysboro, N. S. air an t seachdain s’a chaidh air son iad a mharbhadh fear Iomhar O’Connor mu thri miosan air ais. Fhuaireadh ciontach iad, agus bha coig bliadhna ’n urra dhe ’n tigh-obrach air a thoirt daibh. Fhuair fear eile, Alasdair Gerrow, bliadhna sa phriosan air son a bhràthair féin a stobadh anns air t-sabaid cheudna ’s an deach O’ Connor a mharbhadh. Bha na daoine uile air an daoraich ’nuair a chaidh an cron a dheanamh. Fhuaireadh bean d’ am b’ ainm Mrs May air a bàthadh ann an allt beag aig a dachaidh faisg air Cardigan, E. P. I., mu mheadhon ma seachdain s’ a chaidh. Tha e coltach gu ’n deach i dh’ an allt a dh’ iarraidh uisge, ’s gun do thuit i ann, agus o nach robh cuideachadh faisg oirre chaill i a beatha. Chaidh bean dhubh d’ am b’ ainm Byers air chall air a cuideachd ann a’ Halifacs air a mhios s’a chaidh, agus an deigh a bhi ’ga sireadh fad dheich latha fhuaireadh a corp an grunnd an uisge aig aon de na ceadhachan. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. McGILL FHINNEIN, Supt. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—Halifax D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 385] [Vol. 9. No. 50. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 14, 1901. No. 50. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. IV. DH’ EIRICH a’ ghrian gu h-oirdhearc air an ath latha ’sa ghleann, an latha bha Aonghas a dol a dh’ fhàgail beannachd aig a chàirdean ’s a luchd-eòlais. Chruinnich iad m’a chuairt da ’sa mhaduinn, agus ’s iomadh eòlas a fhuair e o chuid diu mu America. Cuid nach robh deich mile riamh air falbh o ’n chagailt, bha de naigheachdan ’s de dh’ fhiosrachadh aca m’ an dùthaich chein sin ’s gun saoileadh duine gun robh iad cho eòlach ma America ’s a bha iad air Gleann-fraoich fhein. Ach chaidh glas-ghuib a chur air na bha stigh an uair a thainig Alasdair-àrd, agus Domhull-an-tàillear. Bha ’n dithis so beagan bhliadhnachan a seòladh mu Alba, ach bha dùil aca fhéin gu ’n do shiubhail iad an saoghal uile. Ràinig Alasdair eileinean Shealtain agus Arcaibh air aon turas iomraiteach, agus bha dùil aige fhein gu ’n do rainig e Lochlann, agus riamh na dheigh sin, ge air bith seanachas air an toisicheadh e, ’s ann an Lochlann a sguireadh e. “Gabh thusa mo chomhairle-sa,” ars’ Alasdair, “agus fuirich a stigh. Tha mise eòlach air America, chaidh mi seachad air air an turus a bha mi ann a Lochlann agus faodaidh tu mo chreidsinn. Bha gille òg fiosrachail a mhuinntir na Mòrair còmhla rium air an luing, agus thug e orm aodach a cheangal ma m’ cheann agus làmhanan a chur orm an uair a bha sinn a’ dol seachad air America m’ an rachadh mo reothadh gu bàs. Cha do chuir e-fhéin uime ni gus a dhion; ach bha e ’g radh rium gun robh deich faclan aigesan de chànain nan Innseanach, agus mar sin nach drùghadh am fuachd idir air. Thuirt e rium,” ars’ Alasdair, “nach urrainn duine aon fhacal do chanain sam bith eile labhairt aon uair ’s gun tig an geamhradh. Tha na briathran a reothadh an uair a thig iad a mach as do bheul agus a’ tuiteam gu làr. Agus an uair a thig an aiteamh a’s t-earrach, bha e ’g radh nach cluinneadh duine ghuth fhem leis an fhuaim a bhios na briathran so a deanamh ’n uair a bhios iad ag aiteamh.” “Tut,” ars’ Aonghas, “cha bhi ’n sin ach cànainean boga gun bhrigh; théid mi fhin an urras nach dearg an reothadh air a Ghàilig chòir.” Thug Dòmhull-an-tàillear e-fhein eachdraidh dha mu na h-Innseanich, agus sheall e dha (oir bha Domhull ainmeil air carachd) an doigh air Innseanach a cheannsachadh. Airson an cleas a shealltain na b’ fhearr do dh’ Aonghas rug Dòmhull air theis meadhain air leth sheann duine bha ri thaobh aig an robh ainm a bhith fuathasach crosda. ’Se ‘Murachadh ciùin’ a theirte ris mar fhar-ainm. An uair a rug Domhull-an-tàillear air Murachadh ciùin cha b’e ’n fhàilte chridheil a fhuair e: “Amadain gun tur,” ars’ esan, “seallaidh mise cleas dhutsa bheir beagan dheth ’n chaothach as a cheann agad”—’sa putadh Dhomhuill a null an comhair a chùil gu tuba mor a bha ri taobh an taighe anns an robh tearr, thug e ùpag dha sios ann, ’s am mach a ghabh e, a fàgail beannachd aig Aonghas anns an dol seachad. Dh’ fhag e slàn aca mu dheireadh, agus le cridhe dòchasach thug e aghaidh air a mhonadh. Bha aige ri astar mor a dheanamh m’ an ruigeadh e àit’ anns am faigheadh e bata bheireadh dh’an bhaile mhor e, as an robh long gu seòladh an ceann seachdain gu ruige America. Dol tarsuinn air beanntaibh a ghaoil, m’ an do dh’ fhàg e criochan eòlais, chrom Aonghas e fhein sios ’san fhraoch ghorm agus chuir e suas ùrnaigh aithghearr, dhùrachdach, a’ guidhe air Ughdar gach ni a dhion ’sa theasraigean bho gach gàbhadh a bhios daonnan buailteach do dh’ fhear an fhalbhain. Bhuain agus phaisg e gu cùramach, bad de fhroinneach cùbhraidh, ’s faodar a bhi cinnteach nach do dhichuimhnich e fraoch a thoirt leis. Ach na b’ fhaisg air a cridhe na ni sam bith, bha Aonghas a giùlan ciabh òr-bhuidh, agus bho nach robh gas glas ri fhaicinn na measg, tha amhrus làidir agam nach b’ ann air ceann a mhàthar a dh’ fhàs i. Gu math sgith ràinig e mu dheireadh am baile beag as an robh bàt-aisig a’ falbh air an ath mhaduinn. An oidhche sin fhuair Aonghas eòlas air gille òg Gàidhealach a bha gu math cridheil. B’ ainm dha Calum Mac Pharlain, ach ’se ‘Calum éibhinn’ a theirte ris mar bu trice. Bha Calum air fortan beag fhaotainn ’san àm, mu dha fhichead punnd Sasunnach a dh’ fhàg, bha e ag radh, piuthar athar aige, airson a bhi giulan ainm a sheanar. Thug Calum leth an àirgid dh’ a mhàthair, agus leis a’ chòrr smaointich e gun rachadh e do thir chéin air choireiginn, cha robh fios aige ro mhath fhathast c’àite. Mar sin bha e gu math toilichte ’n uair a dh’ innis Aonghas dha gun robh e dol gu ruige America; ’s ann a dh’ fhalbhadh e maile ris, agus bha Aonghas gu math toilichte a chuideachd chridheil a bhi leis. Cha robh facal an ceann Chalum ach Gàilig. Bha e fhein ag radh gur e bu choireach nach do dh’ ionnsaich e Beurla, nach robh e airson a Ghàilig a shalach leatha, ’s nach biodh e coltach gu ’m biodh an da chànain reidh ann an eanachain duine sam bith. “Cha ’n eil teagamh,” arsa Calum, “nach tuig mi beagan an uair us fior fheudar dhomh. Ach tha dòchas agam nach éirich cleas Anna ruadh a chùbair dhomh. Cha robh smid an ceann Anna ach beagan Gàilig. Ach thachair gu ’n deach i turus gu ruige Grianaig, agus dh’ fhan i dà sheachdain ’sa bhaile mhor. Gu tubaisteach chaill i ’Ghàilig, arneo ghoideadh oirr’ i; tha iad ag radh gu ’m bheil na meirlich pailt ’s na bailtean mora co-dhiu. An uair a thainig i dhachaidh ’s a bha i dlùthachadh ri taigh a h-athar, thachair balach beag rithe ’bha buachailleachd a chruidh. Sheas i, ’s dh’ fhaighneachd i dh’ an bhalach ann an cànain air choireigin (Beurla a bh’ aice fhéin air an fhuaim a bh’ ann) dé ’n t-ainm a bh’ aca ’san dùthaich so air na creutairean ud, ’s i tomhadh a corraig air a chrodh. Ach bha mart maol le ’h-athar am measg an treud, a bhiodh a ruith nan daoine, gu h-àraidh coigrich, ’s ghabh i oirre fhein freagairt a thoirt do dh’ Anna, ’s a nall a ghabh i ’s coltas an uilc oirre. “Mort! mort! bo-mhaol m’ athar!” ghlaodh Anna ruadh, ’s gu fortanach bha Gàilig riamh tuilleadh aice. An la-iar-na-mhàireach ràinig iad am baile mor ’s bha aca ri fuireach an sin gus am biodh an long deiseil gu seòladh. Bha iomadh ioghnadh aca ri fhaicinn ’sa bhaile-mhor, ’s bha iad gu math sgìth a’ dol air chall ’s ag iarraidh a chéile. Bha Calum ag ràdh nam biodh iad air spearrach a chur orra, cleas nan caorach, gu ’n robh e air iomadh ceum a shàbhaladh dhaibh. “Ach,” ars’ esan, “nach ann air chall a bha h-uile duine a bh’ ann, coltach ris na neòil a bhios a ruagadh a chéile, gun fhois, gun tàmh a dh’ oidhche ’s a latha.” Ach tha ’n t-àm aca falbh. (Ri leantuinn.) Sgeulachdan Arabianach. PRIONNS’ ALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH. CAIB. V. AN uair a thug Musan air falbh an droch bharail a dh’ fhag e air inntinn an t-sluaigh leis na labhair e riutha mu dheidhinn a’ phrionnsa an latha roimhe sid, thill e dhachaidh. Chuir e uime an deise aodaich a b’fhearr a bh’ aige, agus chaidh e thaghal air a’ phrionns’ og. Ghabh am prionnsa ris le aoidh agus le caoimhneas. An uair a bha iad greis a’ labhairt le caoimhneas is urram ri ’cheile, thuirt Musan ris a’ phrionnsa: “Mo thighearna, am bheil a run oirbh fuireach fad’ ann am Bagdad?” “Fanaidh mi ann,” ars’ esan, “gus am faigh mi maighdionn, coig bliadhna deug a dh’ aois, a tha anabarrach briagha, agus a tha cho beusach ’s nach robh aithne aice air duine riamh, agus nach mo na sin a mhiannaich i gu ’m bitheadh.” “Tha sibh ag iarraidh rud nach’ eil furasda ri fhaotainn,” ars’ an doctair; “agus bhiodh teagamh agam gu ’m faigheadh sibh na tha sibh ag iarraidh mur b’e gu ’m bheil fhios agam far am faighear maighdionn dhe ’n t-seorsa a tha sibh ag iarraidh. Bha ’h-athair na ard-chomhairleach; ach dh’ fhalbh e as a’ chuirt, agus tha e o chionn uine mhor a’ fuireach ann an taigh mor ann an iomall am muigh a’ bhaile, far am bheil e ’cur seachad na h-uine gu buileach a’ toirt foghlum dh’ a nighinn. Ma ’s e bhur toil e, theid mise far am bheil e a dh’ iarraidh na h-ighinn dhuibh. Cha ’n ’eil teagamh agam nach bi e toilichte gu leor a nighean a thoirt do phrionns’ og, maiseach mar a tha sibh.” “Dean air do shocair,” ars’ am prionnsa; “cha phos mi a’ mhaighdionn gus am bi fios agam an toiseach an cord i rium. A thaobh a maise, faodaidh mi na their thu fhein rium a chreidsinn. Ach ciod an dearbhadh a bheir thu dhomh gu ’m bheil i beusach?” “Ciod an dearbhadh a tha sibh ag iarraidh?” ars’ an doctair. “Feumaidh mi a h-aghaidh fhaicinn,” ars’ am prionnsa; “foghnaidh sin gus a thoirt orm a runachadh ciod a ni mi.” Tha thu gle sgileil ann an gnuis-eolas,” ars’ an doctair agus e ’deanamh gaire. “Thig comhladh riumsa, ma ta, agus theid sinn gu taigh a h-athar. Iarraidh mi air aon sealladh dhe ’h-aghaidh a thoirt dhut.” Dh’ fhaldh Musan agus am prionnsa gu taigh an ard-chomhairlich. An uair a chual’ e mu ’n phrionnsa, agus an t-aobhar air son an d’ thainig e, ghairm e a nighean a steach do ’n t-seomar, agus thug e oirre an srol a thoirt bhar a h-aod- [TD 386] [Vol. 9. No. 50. p. 2] ainn. Cha ’n fhaca righ og Bhalsora aodann riamh a leith cho briagha ris. Sheas e ag amharc oirre le mor-ioghnadh. Agus o ’n a bha e comasach dha a dhearbhadh co dhiubh a bha i cho beusach ’s a bha i cho briagha, thug e am mach an sgathan, agus an uair a sheall e ann, bha ’ghlaine gun an smal bu lugha. An uair a chunnaic e gu ’n d’ fhuair e a’ cheart mhaighdionn a bha e ’sireadh, ghuidh e air a h-athair a toirt dha ri ’posadh. Dheonaich a h-athair so a dheanamh. Ghrad chuireadh fios air a’ mhaighdinn oig, agus thainig i gun dail. Sgriobhadh na cumhnantan posaidh, agus rinneadh an urnuigh phosaidh. An deigh do sheirbhis a’ phosaidh a bhith seachad, thug Alasnam leis an t-ard-chomhairleach a dh’ ionnsuidh a thaighe fhein, far an d’ rinneadh fleadhachas mor ris, agus thug e dha tiodhlacan anabarrach luachmhor. ’Na dheigh sin chuir e moran de sheudan luachmhor gu bean-na-bainnse le Mobarec. Thug Mobarec leis bean-na-bainnse do ’n taigh aig prionns’ Alasnam far an d’ rinneadh banais mhor mar a fhreagradh do dhaoine dhe ’n seorsa. An uair a bha ’bhanais seachad, agus a dh’fhalbh a chuideachd gu leir, thuirt Mobarec ri Alasnam, “Mo thighearna, biomaid a’ falbh; na deanamaid dail na ’s fhaide ann am Bagdad, ach tilleamaid do Chairo. Cuimhnich air a’ ghealladh a thug thu do righ nam fathach.” “Biomaid a’ falbh,” ars’ Alasnam; “feumaidh mi an aire mhath a thabhairt gun ’n dean mi direach mar a dh’ iarr e orm. Ach tha mi ag aideachadh dhut gur ann car an aghaidh mo thoile a tha mi ’dol a ghabhail a chomhairle. Tha ’m boirionnach a phos mi anabarrach tlachdar, agus cha mhor nach ’eil mi toileach a toirt leam gu ruige Balsora, agus a cur air an righ-chathair.” “Ochan! mo thighearna,” arsa Mobarec, “thoir an aire nach dean thu mar a tha d’ inntinn ag iarraidh ort. Cuir stamhnadh air do ghaol, agus ciod sam bith na chosgas e dhut, cum ri d’ ghealladh do righ nam fathach.” Gle cheart, a Mhobarec,” ars’ Alasnam, “thoir do cheart aire gu ’n cum thu a’ mhaighdionn og ud as mo shealladh. Na leig leatha tighinn tuilleadh ’nam lathair. Is docha gu ’m faca mi i tuilleadh is tric mar tha.” Rinn Mobarec gach deisealachd a bha feumail dhaibh air son an turuis. Thill iad do Chairo, agus as a sin chaidh iad gu ruig an t-eilean aig righ nam fathach. An uair a rainig iad, thuirt a’ mhaighnionn og ri Mobarec, “C’aite am bheil sinn? Am bheil fada gus am bi sinn anns an rioghachd aig m’ fhear-posda?” “A bhaintighearna,” arsa Mobarec, “tha ’n t-am an fhirinn innseadh dhut. Phos am prionns’ thu a chum gu ’m faigheadh e do thoirt o d’ athair. Cha do gheall e banrigh Bhalsora a dheanamh dhiot idir; ach tha e gus do thoirt do righ nam fathach, oir dh’ iarr e air maighdionn dhe do sheorsa-sa fhaotainn da. An uair a chual’ i so thoisich i ri gul cho goirt ’s gu ’n do chuir i dragh araon air a’ phrionnsa agus air Mobarec. “Gabhaibh truas dhiom,” ars’ ise; “is coigreach mi; bheir Dia gu cunntais sibh air son mar a mheall sibh mi.” Cha d’ rinn a caoidh agus a gearain feum sam bith dhi, oir thugadh do righ nam fathach i. An uair a bheachdnaich e oirre car beagan uine thuirt e ri prionns’ Alasnam, “A phrionnsa, tha mi riaraichte leis mar a rinn thu na dh’ aithn mi dhut. Tha ’n oigh a thug thu do m’ ionnsuidh araon maiseach agus beusach. Agus tha mi gle thoilichte leis an doigh anns an do chum thu ri d’ fhacal. Till do do rioghachd fhein, agus an uair a theid thu do ’n taigh fo thalamh, far am bheil na h-ochd iomhaidhean, gheibh thu an naoidheamh iomhaidh a gheall mi dhut. Bheir mi air na fathaich a cur ann.” Thug Alasnam taing do righ nam fathach; agus gun dail sam bith thill e fhein agus Mobarec do Chairo. O ’n a bha toil mhor aige an naoidheamh iomhaidh fhaicinn, cha d’ rinn e dail sam bith ann an Cairo. Air an t-slighe dhachaidh, bha e gu tric a’ smaointean air a’ mhaighdinn oig a phos e; agus bha e ’cur coire air fhein a chionn gu ’n do mheall e i, agus gur e a bha ’na mhathair-aobhair air a’ mhi-fhortan a thainig ’na rathad. “Ochan!” ars’ esan ris fhein, “thug mi o athair caoimhneil, gradhach, agus thug mi do ’n fhathach i. O mhaighdionn ro mhaiseach! cha b’ ann mar sid bu choir dhomh a dheanamh riut.” Bha na smaointeanan so gu tric air an inntinn aige fad na slighe. Mu dheireadh rainig e dhachaidh. Rinn an sluagh a bha fo ’riaghladh gairdeachas mor a chionn gu ’n do thill e dhachaidh slan, fallainn. Ghrad dh’ innis e dh’ a mhathair a h-uile car mar a dh’ eirich dha air a thurus. Bha aoibhneas mor oirre an uair a chual’ i gu ’n d’ fhuair e an naoidheamh iomhaidh, agus thuirt i ris, “A mhic, rachamaid g’ a faicinn, oir faodaidh sinn a bhith cinnteach gu ’m bheil i anns an taigh fo thalamh, o’n a thuirt righ nam fathach gu ’m faigheadh tu ann i.” O ’n a bha toil mhor aca le cheile an iomhaidh iongantach ud fhaicinn, chaidh iad gun dail sios do ’n taigh fo thalamh, agus do ’n t-seomar anns an robh na h-iomhaidhean. Ach bha ioghnadh anabarrach orra an uair a chunnaic iad gur e maighdionn og mhaiseach a bha ’na suidhe air an naoidheamh bun-charragh, agus nach b’ e iomhaidh dhaoimein mar a bha duil aca. Anns a’ mhionaid dh’ aithnich Alasnam gu ’m b’ i so a’ cheart mhaighdionn a thug e do righ nam fathach! “A phrionnsa,” ars’ a’ mhaighdionn og, “tha ioghnadh ort mise fhaicinn an so. Bha thu ’n duil gu ’m faigheadh tu ni eiginn moran bu luachmhoire na mise, agus cha ’n ’eil mi ’cur ann an teagamh nach ’eil aithreachas ort a nis a chionn gu ’n do ghabh thu leithid de dhragh. Bha thu ’n duil gu ’m faigheadh tu duais a b’ fhearr.” “A bhaintighearna,” ars’ Alasnam, “tha fhios aig Dia nach b’ ann aon uair no da uair a bha mi air thuar mo ghealladh do righ nam fathach a bhristeadh gus thusa ’chumail agam fhin. Luachmhor ’s mar a dh’ fhaodadh iomhaidh dhaoimein a bhith, is luachmhoire gu mor ’nam shealladh-sa thusa bhith agam. Is mo a tha de ghaol agam ort na bhiodh agam air uile dhaoimein agus air uile shaoibhreas an t-saoghail!” An uair a chuir e crioch air na briathran so, chualas tairneannach a bha cho cruaidh ’s gu ’n do chuir e an taigh fo thalamh air chrith. Chlisg mathair a’ phrionnsa leis an eagal. Ach ghrad thainig righ nam fathach anns an t-sealladh agus thuirt e rithe, “A bhaintighearna, tha tlachd agam dhe do mhac, agus tha mi ’g a ghleidheadh o chunnart. Bha toil agam deuchainn a chur air feuch am faicinn an rachadh aige air a mhiannan a cheannsachadh. Tha fhios agam gu ’n do ghabh e tlachd mor dhe ’n mhaighdinn oig so, agus nach do chum e uile gu leir ris na gheall e dhomh; ach tha fhios agam gle mhath air gach anamhuinneachd a tha ’n ceangal ri nadar dhaoine. Is e so an naoidheamh iomhaidh a runaich mi a thoirt dha. Is i a’s luachmhoire na na h-ochd eile.” A sin thionndaidh e ri prionns’ Alasnam, agus thuirt e ris, “Caith do bheatha gu sona maille ris a’ mhaighdinn oig so a tha posda riut. Agus ma ’s math leat i bhith dileas dhut, agus gradhach umad, biodh gradh agad dhi gach am, agus na gradhaich te sam bith eile. Ma ni thu so, theid mi an urras gu ’m bi ise dileas dhut.” An uair a labhair righ nam fathach na briathran so, chaidh e as an t-sealladh. Air an latha sin fhein ghairmeadh a’ bhean aig Alasnam ’na banrigh air Balsora. Bha iad le cheile iomadh bliadhna beo, agus iad cho sona ri dithis a b’ urrainn a bhith. (A’ chrioch). Mac Tighearn Aird-Eonaig agus Taibhse Fhionna-ghlinn. LE SEUMAS MAC DHIARMAID, CILL-FHINN. BHA Cailean Caimbeul, am mac bu sine aig Tighearn Aird-eònaig, ’na ghille ro-làidir, foghainteach, agus ’na fhear-claidhimh sònruichte, agus thug e buaidh air gach neach a thàinig a chur deuchainn air ann an gnàthachadh a bhuill-airm sin. Tha e air aithris mu ’thimchioll gu ’m b’ urrainn da leum ochd troighe deug an coinneamh nàmhaid, agus gu ’n robh e comasach air an claidheamh uisinneachadh anns gach laimh. Bha e ’na thoil-inntinn mhoir dha a bhi ri sealgaireachd, agus ’s ainmic gheibhteadh a leth-bhreac airson am fiadh a leantuinn thar mointeach is garbhlaich. A thuilleadh air sin bha e cho chaoimhneil, fhialaidh, agus cho iriosal ’na dhòigh ’s gu ’n robh e ro mheasail measg tuath athar an Aird-eònaig. Chaidh e mach agus a stigh do na tighean aca mar aon diubh féin, agus cha robh fear dhiubh nach robh deas airson ni ’s am bith a dheanamh air a sgàthsan. Bha athair pòsda an dara uair air mnaoi aig an robh fuath mór do ’n ghille, oir ’s ann airsan thigeadh an oighreachd aig bàs athar, agus cha b’ ann air a h-aon de a cloinnse. Bha e ’na cridhe dòigh éigin fheudainn air esan a chur as an rathad, ach bha eagal aice roimh fearg athar, agus roimh fearg sluaigh Aird-eònaig; oir, cha robh i aineolach air a’ ghràdh mhòr a bha aca uile dha. Fhad ’s a bha an t-òganach mu ’n tigh, dh’ fheuch i a bheatha a dheanamh searbh dha air iomad doigh, agus gu sònruichte ’nuair a bha ’athair as an t-sealladh. Ghiùlain e gu foighideach leis gach anacothrom a fhuair e uaipe, oir thuig e c’ arson a bha i cho olc ris; agus bha e air a chumail suas leis an eòlas gu robh e air a ghràdhachadh le athair agus leis an t-sluagh. Bha ’mhuime sìor smuainteachadh air am bàs a chur ’na rathad, ach, car uine fhada, cha do thuit i air dòigh a bha taitneach da h-inntinn, agus coltach ri bhi teàruinte dhi féin. Ach, mu dheireadh shaoil i gu ’n robh an ni air an robh i an tòir air tighinn d’a h-ionnsuidh, agus cha b’ fhada gus an d’ fhuair i cothrom air a h-innleachdan olc a chur an gleus. Mu ’n àm sin, thoisich Taibhse a bha ri ’fhaicinn ann an Fionna ghleann an déigh luidhe gréine, air eagal agus uamhas mòr a chur air luchd àiteachaidh Aird-eònaig. Bha fear ghnothuichean aig Tighearn Aird-eònaig, ris an abrar am post. Air do ’n duine sin a bhi tighinn dachaidh aon oidhche a Comri no Craoibh chaidh a reubadh as a chéile leis an Taibhse, agus chaidh mìrean dheth a thilgeadh an linne, ann an Allt Fionna-ghlinn, agus canar “Linne-phuist” rithe gus an latha ’n diugh. Thog sluagh Aird-eònaig àiridhean ann am Fionnaghleann anns an robh iad a gabhail còmhnuidh ’n uair a bha an crodh agus an caoraich ag ionaltradh a’ m miosan blàth an t-samhraidh sa Ghleann. Dh’ fheum iad [TD 387] [Vol. 9. No. 50. p. 3] na bothain fhagail, oir cha robh fois na feàth aca leis an uile-bheist a bha nis a tuinneachadh ’sa Ghleann bhoidheach uaine. Bha na h-àiridhean air an leagadh, am fal agus na clachan air ’n sgapadh a null agus nall, pris agus fraoch air an spionadh as am bun, agus an talamh air a bhùrach. Réir coslais bha an Taibhse a’ gabhail còmhnuidh ann an sloc domhain, creagach mu mheadhon a’ Ghlinne, agus is coltach nach robh cumhachd aice chum sgriosadh, agus chum olc a dheanamh ach ann an earrainn de ’n Ghleann. Ach, och, mo thruaigh? ma thàinig duine no beothach rathad an earrainn sin an déigh beul na h-oidhche, chaidh crìoch eagalach a chur air a bheatha. Anns na feasgair chiùin shamhraidh chluinnear osnaidhean muladach, agus beucaich, agus fuaim mar gu ’m biodh cuirn-slaoid ’gan tarruing air an talamh. Agus eadhon ’n uair a bha a ghaoth àrd agus fead aig na siantan, bha sgread an Taibhse ri ’chluinntinn os ceann gach nì. ’S iomad barail thug an sluagh mu ’n nì dhiomhair a bha air tighinn do ’n choimhearsnachd, agus bha iad gu cumanta a’ creidsinn gur ann airson eucoir dhiomhair a rinneadh le neach ’nuair a bha e beo, a bha a spiorad air a dhiteadh gu staid de’n t-seórsa sin. Ach dh’ fhuirich na seann daoine glic ’nan tosd mu ’n ghnothuch, oir smuainich iad gur ann airson aobhair oillteil éiginn a bha leithid de chumhachd air a thoirt do ’n Taibhse. Dh’ fhalbh Tighearn Aird-eònaig mu ’n àm sin gu Machair Albainn, agus nise smuainich a bhean gu ’n robh cothrom aice air cur as do Chailean fhad ’s a bha ’athair o ’n tigh. Chaidh i dh’ ionnsuidh a’ chuid bu dlùithe agus a b’ earbsaiche de a càirdean, agus leig i ris dhoibh ciod a bha ’na h-inntinn mu thimchioll Chailein. An sin shuidheachadh eatorra gu ’n cuireadh ise iad gu cuirm anns an tigh mhór, agus aig a chuirm gu ’n deanadh iad an Taibhse ’na cuis bruidhne, air chor ’s gu ’m faigheadh iad dòigh air Cailean a bhrosnachadh gu coinneamh a thoirt do’n Taibhse. Thàinig feasgar na cuirme agus chruinnich càirdean na mnatha, agus dh’ ith agus dh’ òl iad gus an robh iad sàsaichte. An sin, thòisich fear no dha dhiubh air bruidhinn mu ghniomhara eagallach na Taibhse, agus mu’n chliù agus an t-urram bhiodh aig duine sam bith a chuireadh stad orra. Thionndadh fear dhiubh ri Cailean agus thuirt e—“Ciod a thàinig ortsa, thusa tha cho ainmeil airson treubhantas, foghainteas agus cruadalachd ’n uair nach eil thu ’toirt aghaidh air an Taibhse, agus ’ga cur gu tàmh? Tha e tàmailteach dhuit mar tha gnothuichean air dol, agus cho cinnteach ’s a tha thu beò, caillidh tu do chliù agus mar an ceudna meas dhaoine mur dean thu ni éiginn chum an dùthaich a shaoradh o’n uile-bheist sin. Thuig Cailean an cuil-bheartan, agus ciod bu chiall doibh, ach cha do labhair e diog, agus ann an uine ghoird, dh’ fhag e a’ chuideachd, agus chaidh e da sheòmar féin lan mulaid agus iomaguin. ’S beag de chodal fhuair e ré na h-oidhche sin le bhi cuimhneachadh agus a’ smuaineachadh air a’ chainnt thàireil chaidh uisinneachadh ris. Cha do chleachd e cainnt de ’n t-seòrsa sin a chluinntinn; ni mò, thainig e riamh fa near dha gu ’m b’urrainn duine coinneamh a thoirt do ’n Taibhse agus marsuinn beò. Smuainich, e mar so—“Ma théid mo mharbhadh leis an Taibhse, bithidh sin ’na chall do ’n chuibhrionn is mo de ’n t-sluagh, ach gu sònruichte dhithse aig am bheil gaol mo cridhe. Ach mu ’n abrar mu ’m thimchioll gu ’m bheil mi a’m chladhaire, bheir mi aghaidh air an Taibhse, biodh buaidh na bàs dhomh.” Moch air ’n ath mhaduinn, chaidh e gu tigh Phàruig Iasgair ann an Cragan Aird-eònaig. Bha Pàruig ’na sheann duine glic, lan eòlais mu eachdraidh na Gaidhealtachd agus mu na blàir a chuir na fineachan Gaidhealach ri chéile. ’S tric a thaghail Cailean ’na thigh anns an oidhche fhada gheamhraidh, agus ’s iomad naigheachd a dh’ innis Pàruig mu dheanadas nan sithichean; agus le naigheachdan uamhasach mu thaibhsean, chumadh e a luchd éisdeachd air bhall-chrith. Aig uairean eile, dheanadh e soilleir dhoibh ciallachadh ainmean gach sléibh agus gach àite agus c’arson a chaidh an ainmeachadh mar sin. Bha Pàruig còir cho làn naigheachdan de gach seòrsa ’s gu ’n tug iad Para-nan-sgeul mar fhrith-ainm air. Fhuair Cailean Pàruig ’na sheasamh aig ceann a thighe, agus e ag amharc mu ’n cuairt air na neòil dh’ fheuchainn an tuigeadh e ciod an gne latha bha dol a bhi ann. Thubhairt e ri Cailean—“Ciod an gnothuch cudthromach a chuir an car so thu cho tràthail, a Chailein?” Chunnaic Pàruig gu ’n robh gruaim air aghaidh Chailein agus nach robh an sunnd air a b’ àbhaist. Dh’ innis Cailean mar a bha ’chùis. An déigh smuaineachadh car ùine, fhreagair Pàruig e. Ma ta, òganaich ghasda tha do chor cruaidh ni ’s leòir. Na’m b’ann air daoine a bha thu dol a thoirt ionnsuidh, cha bhiodh cùram agam dhiot, eadhon ged a b’ ann ri ar sinnsiribh, laoich Fhìnn féin a bhiodh tu dol a dh’ fheuchainn treis do laimh agus géiread do chlaidheimh, ach ’s e mùthadh nì th’ ann a bhi dol a thoirt coinneamh do thaibse, oir na h-aghaidh sin tha neart agus claidheamh gun éifeachd Cha ’n ann ’na do spionnadh féin, ach ann an neart an Uile-chumhachdaich a dh’ fheumas tu dol an taic an Taibhse, oir feudaidh i tighinn ann an riochd agus ann an doigh ort an aghaidh am biodh do ghaisge an diomhain. An Ti a chuir ’na mhor throcair, crioch air léir-sgrios an Taibhse, agus a chum ann am Fionna-ghleann i, is Esan a mhàin ’s urrainn a toirt air falbh ’nuair a bhios a rùn dìomhair leatha air a chriochnachadh. Ach feudaidh e bhi gu ’m bi thusa na d’ mheadhon air an dùthaich a shaoradh o’n Taibhse, agus gu ’n toir thu gu solus an t-aobhar airson am bheil i teachd am follais, oir chuala sinn mu iomad taibhse chaidh a chur gu fois le duine. Ach mar a thubhairt mi riut roimhe, cha ’n fheud thu dol ’na do neart féin, oir feudaidh i tighinn an riochd beothaich fhiadhaich agus do phronnadh gu bàs am priobadh na sùl. Feumaidh tu cuairt a tharruing timchioll ort féin le d’ chlaidheimh, agus seasaidh tu gu daingeann am meadhon na cuairte le d’ earbsadh ’san Uile-chumhachdach. Sin ni thu ’nuair thig thu fagus do aite na Taibhse. Mar sin ’s urrainn duit seasamh ’san ionad sin an aghaidh gach cumadh ’sam feud i tighinn ’nad shealladh, gu ruig an àm ’s an cruth-atharraich i gu aogais duine. An sin ’s urrainn duit bruidhinn a dheanamh rithe, agus fios fheudainn air an aobhar airson am bheil i ’ga taisbeanadh féin, agus air na dòighean is feàrr chum a cur gu fois. Nise ’s ann tha thu coltach mar gu ’m biodh tu dol sìos aghaidh creag chorrach air ròp; agus ’s an am Fear-dionadh, neartmhor sin a tha gu greim a chumail air an rop; agus ma chuireas tu do dhòchas ann, seòlaidh e gu tèaruinte thu gu ruig an t-iochdar; ach ma thréigeas do dhochas thu, leigidh E as thu agus bithidh tu air do phronnadh ’na d’ mhìrean. ’S so do shuidheachadh-sa. Imich, uime sin, agus gu ’n rachadh Esan a riaghlaidheas a’ ghrian ’san latha, agus a’ ghealach ’san oidhche maille riut. Ach feumaidh tu neach éiginn a thoirt leat, agus fàgaidh tu e le do mhial-chu, siubhlach, aig astar beag uait, agus bheir thu fios dha do chu a leigeil as ma bhitheas an Taibhse coltach ri faighinn laimh an uachdar ort. Chuala mi seann daoine ag radh gu ’n robh mialchu ’na fhear-dionaidh maith ma bha neach dol rathad thaibhsean. Na ’m bithinnsa cho luath is bha mi an latha sin a rugadh t-athair ’nuair chaidh mi do Pheairt agus air ais ann an aon latha cha mhise an duine bhiodh air deireadh gu do leantuinn ’n àird an gleann. Bheir thu Dòmhnull Bàn, do ghille féin, leat, oir tha e ’na dhuine freagarrach.” (Ri leantuinn.) Fas agus Tuiteam Rioghachdan. MA chreideas sinn eachdraidh, faodar cinnich agus rioghachdan a choimeas ri nì a chuirear, agus a dh’ fhàsas gu àird araidh, agus na dhéigh sin a thòisicheas, gu nàdurra, ri cromadh ’s ri seargadh. Abraibh, ma’s àill leibh, duine. Bha e aon uair na naoidhean air a’ chìch—tha e nis air a mhìgran—tha e nis na mhaoil-ceannach luath, làidir—tha e nis na dhuine deannta, stòldach, mòralacha, àrdanach—tha e nis aosmhor, liath, mabach, crotach, agus cuall ’na làimh, mar threas cos—thilg e nis an deò, agus feuch! fear eile ’deanamh gàirdeachais ’na àite! Bu mhòr ainm agus cliù rioghachd Asìria, a chaidh a shuidheachadh dà mhìle bliadhna roimh theachd Chriosd; ach ’nuair ràinig i àirde shònruichte, thug mi-bheus, cealgaireachd, ròicealachd, agus gealtaireachd a mic oirre tuiteam roimh na Sardanapulus leibideach. ’Se ’cheart aobhar a thug an crùn bho impireachd nam Médach agus nam Persianach, agus a thug do Alastair Mor e. B’ iad na stàidean Gréugach, fad iomadh linn, glòir agus uamhann na h-àird’ an ear; ach c’àit’ an diugh a’ bheil glòir Athens?—c’àit’ an diugh a’ bheil a gliocas ’sa morachd? Bha Tyre aon uair na bhaile-margaidh nan cinneach—bha ’long-phort làn luingeas—bu phrionnsachan a marsantan, daoine urramach an t-saoghail; ach c’àit’ a’ bheil na luingeas?—c’àit’ a’ bheil na daoine prionnsail, urramach an diugh? Tha iad a’ tighinn beò air iasgach, ’s gun, mo chreach! an t-iasg féin ann! Tionndadhmaid agus faiceadhmaid tìr ar n-athraichean féin—faiceadhmaid I-Chollum-Chille, réul-iùil Chaledonia—a’ mhàthair-uisge ’thug casg an io’ta do eilean ’s do thìr-mòr, bho ’n Ghearmailt gu h-Irt;—faicibh an diugh i! Faicibh na caisteil air gach taobh de Chaol-Muile, far an robh na sàir a’ chòmhnuidh—far am biodh òl air fìon, cluich air disnean, stoirm na pìoba, foirm na fìdhle,—an diugh nan tom-coin aig na ròcaisean! ’S àrd rioghachd Bhreatunn an diugh, ach aig an Fhreasdal tha brath ciod a bhios i ceud bliadhna na dhéigh so. Thigeadh do ’n t-sluagh beachdachadh air na leugh ’s na chunnaic iad, agus comhairle ’ghabhail na thràth, roghainn mhath a dheanamh de luchd-riaghlaidh. A réir mo bheachd féin, ’se dubhailc, ruidhteireachd, lìonachd, sannt, agus gamhlas a b’ aobhar do gach ùmhlachadh a thainig air rioghachdan a bha aon uair mòr agus àrd; agus ma tha so fìor do thaobh rioghachdan, tha e fìor do thaobh stàidean, bhailtean, theaghlach, agus phearsan leothaireach. Uime sin, thigeadh dhuinn, nuair a bheachd-smaoinicheas sinn air na chaidh seachad, a bhi air ar faicill, air eagal gu ’n tuit sinn féin anns a’ chionta cheudna. ’Se so aon fheum a tha ann an seann eachdraidh, agus aobhar nach ’eil e ceart cor rioghachd ’earbsa ri daoine nach leugh mar ri daoin’ a leughas, agus a leughas gu domhain cuideachd. An uair a thig air duine, thig air uile. Bean fhada, chaol, dhìreach, miann Dhòmhnuill amadain. Beannachd Chaluim ghobha—“Mo thogair ged nach tìll.” [TD 388] [Vol. 9. No. 50. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IUN 14, 1901. Litir a Ceap Nor. THA ’m mios so gu bhi seachad air an oidhche nochd, agus ged bu roghnaiche leam dol a laidhe air ball ’s eigin teannadh ri aon litir eile sgriobhadh gu MAC-TALLA. Cha ’n e a sgriobhadh a’s dorra leam an nochd, ach nach math tha fios agam ciod a sgriobhas mi. Tha do dheadh sgriobhaichean agad aig an àm so ’s gu ’m biodh sinn toilichte MAC-TALLA ’bhi air a lionadh le’n saothair gach seachduin. Ma bhuainaicheas iad sin air cuideachadh leis ’s an doigh so, cha chreid sinn gur eagal dha. Tha e fior gu bheil cuid dheth na Gaidheil a fàs suarach mu ’n Ghailig, ach tha e cheart cho fior sin nach e chuid a’s fearr dhiubh, no ’s fearr a labhras Beurla. Ged dhluth-leanas iad sin ris an amaideachd sin, tha MAC-TALLA ’deanamh comhnadh mor ris a Ghailig a ghleidheadh beo. Tha leughadairean lionmhor aige nis nach robh comasach air a bheag de ’n Ghailig a leughadh nuair thòisicheadh air a dheasachadh an toiseach. Bidh tuilleadh a sior dhol ris an aireamh, agus togaidh a Ghailig, cho math ris na Gaidheil, a ceann, ’s “Cha bhi i am fang ni ’s mo.” Tha churachd a nise seachad, agus tha feur ’us fochann a coimhead gu math. Bha stoirm thairneanach againn o chionn ghoirid, agus bhuaileadh sabhal Ruairidh òig Mhoireaston leis an dealanach, a sgealadh pairt dheth as a cheile, ’s chur e taobh á bocsa biadhaidh an eich, ach chaidh an t-ainmhidh fein as gun dochann sam bith. Cha ’n fhiosrach mi mu bhuaileadh tigh no sabhal riamh leis ’s an aite so gu ruige sid. Tha craobhan corr uair air am bualadh leis, agus mar is trice craobhan daraich. Mu dheich bliadhna air ais bha stoirm thairneanach ann air oidhche àraidh nach di-chuimhnich mi ri m’ bheo. Bha lasadh aon de na dealanaich agus fuaim eagalach an tairneanaich comhlath. Shaoileadh neach gu ’n robh gach ni a dol as a cheile. Anns a mhaduinn am maireach chunnaic sinn gu ’n robh craobh dharaich a bha dluth do bhuaile ’chruidh air a bristeadh dheth mu dhusan troidh o ’barr, agus a chuid eile dhi air a chladhach ’n a chlais dhomhain sios a dh’ ionnsuidh na talmhuinn, agus cuid de na sgolban a bhuineadh aisde air an sgapadh astar mor o ’n chraoibh. Ma shaoilear gur iongantach an t-anabarr eagail a bhios air cuid ann an stoirm thairneanach, nach ’eil e moran ni’s iongantaiche gu bheil iad cho lionmhor ’san t-saoghal air nach bi eagal sam bith—muinntir a theid air adhart, cha ’n ann a mhain ri feala-dha a dh’ fhaodadh a bhi iomchuidh gu leor aig amannan eile, ach le dànadas na mi-cheille a toirt an ainm a tha os ceann gach uile ainm, gu trie an diomhanas. M.D. Ceap Nor, Maigh 31, 1901. Tha lagh aca ann an Eilean a’ Phrionnsa a nise leis am bheil creic stuth làidir air a bhacail gu h-iomlan. Tha am Priomhair Mac-Fhearchair agus buill eile ’n riaghlaidh a’ cur rompa an lagh obrachadh cho math ’sa ghabhas deanamh, agus tha làn dhùil aca soirbheachadh. Tha sinn a toirt fa-near gu bheil cuid de phaipearan Cheap Breatunn a cur air mhanadh do ’n lagh ùr so nach bi soirbheachadh sam bith leis, agus gur mò a ni e de chron na ni e de dh’ fheum. Shaoileamaid gu ’m biodh e cho math do na paipearan sin am breth a chumail air ais gus am biodh comas aca air fhaicinn ciod a ghnè lagha th’ ann agus ciod a ghnè dhaoine tha air a chùl. Ma tha an lagh cearbach, gabhaidh a’ chearb toirt as, agus mur bi iadsan a rinn e ’sa tha ’ga chur air obair cho math ri ’n gealladh, ’s fhurasda daoin’ eile chur ’nan àite; agus mur eil sinn air ar mealladh a thaobh muinntir an Eilean, is sluagh iad ris nach urrainn luchd nam politics an ni is àill leotha féin a dheanamh. Ma chi iad uair air bith nach eil an luchd-riaghlaidh deònach an ni a tha ceart a dheanamh, gabhaidh iad a cheud chothrom a gheibh iad air an cur á dreuchd. Tha e ’na dhroch cleachdadh anns an dùthaich so, nuair a dh’ atharraichear luchd-riaghlaidh, a bhi cur á dreuchd dhaoine a bha air an cur a stigh leis an t-seann luchd-riaghlaidh ’sa cur dhaoine tha ’nan càirdean do’n riaghladh ùr ’nan àite. Bhatar ri moran dhe ’n obair sin o chionn ghoirid ann am Manitoba, ach tha riaghladair na roinne sin a nis air seasamh an aghaidh a chleachdaidh, ’s ag radh nach còir neach sam bith a chur á dreuchd fhad ’sa tha e deanamh a dhleasdanais. Tha sinn an dòchas gu ’n soirbhich leis, agus mar an ceudna nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bi stad iomlan air a chur air a bhi cur dhaoine tha deanamh an dleasdanais á dreuchd gun aobhar sam bith ach nach fhac iad iomchuidh bhòtadh leis a phairtidh a thachras a bhi ann an ùghdarras. Fhuair na painters na bha iad ag iarraidh,—an la-obrach a ghiorrachadh gu naodh uairean-agus tha mhor-chuid dhiubh air a dhol a dh’ obair. Tha na clachairean a’ seasamh a mach fhathast, oir cha do dh’ aontaich cuideachd an iaruinn ris na tha iad ag iarraidh a thoirt daibh. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,870.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 389] [Vol. 9. No. 50. p. 5] Naigheachdan. Bha naodh ceud de na Boerich air an toirt gu Bermuda o chionn ghoirid, far am bi iad air an cumail mar phriosanaich gus am bi an cogadh ann an Africa mu Dheas seachad. Tha an t-Urr. A. J. Domhnullach, Union Centre, N.S., an deigh an gairm a fhuair e o choithional Whitney Pier a ghabhail. Bidh e air a shuidheachadh anns an eaglais sin air an treas latha dhe’n ath mhios. Chaidh da iasgair a bha ’glacadh ghiomach faisg air Souris, E. P. I., a bhàthadh air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh am bàta anns an robh iad thairis, agus mu ’n d’ fhuaireadh g’ an cuideachadh, bha iad air an giùlan air falbh. Tha an cuirp gun am faotainn fhathast. B’e an ainmean, Artar Arbing agus Seumas Beutan. Bha an eaglais ùr Shasunnach air a fosgladh anns a’ bhaile so la na Sàbaid s’a chaidh. Bha an eaglais ùr Chléireach air a fosgladh ann an Sidni Tuath air an latha cheudna. Bha àireamh mhor sluaigh cruinn ag éisdeachd nan seirbhisean-fosglaidh anns an da eaglais. Tha an eaglais ùr ann an Sidni Tuath air a togail an àite na h-eaglais a chaidh a losgadh an uiridh. Tha fios a thainig á Montreal Di-ciaduin ag radh gu bheil H. M. Whitney a cur roimhe deanamh deiseil gun dàil air son obair togail shoithichean a chur air chois ann an Sidni. Tha muinntir St. John agus Halifacs a deanamh an dichill air an obair fhaotainn dha na bailtean sin, ach ma tha an sgeul so fior tha Whitney gu bhi air thoiseach orra, agus bidh an obair air a suidheachadh ann an Sidni. Chaidh Gilleasbuig Russel, duine mhuinntir Newfoundland, a mharbhadh aig an obair-iaruinn Di-satharna s’a chaidh. Thuit block anns an robh ròp a ruith, agus bhuail e air ’sa cheann, a bristeadh slige chinn ’s ’ga mharbhadh air ball. Bha ’athair, a bha air tighinn do ’n bhaile an latha sin fein, a’ feitheamh air a shon aig a gheata nuair a thachair an sgiorradh, agus cha d’ fhuair e fios gu robh dad cearr gus am faic’ e a chorp ’ga ghiùlan a mach. Chaidh fear Fearchar Mathanach a mharbhadh ann a Hogamah air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e na fhear-cumail leabhraichean ann an Stor Iain K. Dhomhnullaich, agus air dha bhi dol dh’ an t-seilear thuit e leis an staidhir, agus bha amhach air a bristeadh. Chaidh gach ni a dheanamh air a shon a ghabhadh deanamh, ach cha robh e beò ach gann leth-uair an deigh do’n sgiorradh tachairt. Bhuineadh e do’n Bhagh an Iar, far an d’ fhàg e teaghlach mor de chloinn bhig. Chaochail a bhean an uiridh. Thuit meall talmhainn ann am mèinn Springhill, N. S., Di-haoine s’a chaidh, leis an robh dithis dhaoine, Iain Merlin agus Deorsa Tiffing, air an dùnadh a stigh. Fhuaireadh a mach an ùine ghoirid gu robh iad beò, agus thòisicheadh air cladhach g’ an ionnsuidh. Bha iad air an ruigheachd mu cheithir uairean maduinn Di-donaich, an deigh dhaibh a bhi ann fad da fhichead uair. Bha iad slàn, fallain, ach a’ fulang gu mor le fuachd ’s le fliuichead. Bha uisge tuiteam orra fad na h-ùine, agus bha e air drùghadh orra mu ’n robh iad ann ach ùine ghoirid. Bha iad gun ghreim bidh itheadh o naodh uairean maduinn Di-haoine. Bha taghadh comhairlich ann an ceathramh roinn a bhaile Di-màirt. Bha dithis a ruith, W. W. Dillon agus an Dr. I. K. Mac-Leoid. Fhuair an Dotair Mac-Leòid a stigh le 31 bhot a bharrachd. Tha muinntir Ghlace Bay a cur mu dheibhinn tigh-eiridinn a thogail. Tha an làrach air toirt seachad mar tha, agus bithear a tòiseachadh air an togalach an ùine ghoirid. Bidh e air a dheanamh air bric ’s air cloich agus cosgaidh e mu fhichead mile dolair. Chaidh Iain Rice a ghoirteachadh aig laimhrig cuideachd an iaruinn o chionn da sheachdain air ais, agus chaochail e anns an tigh-eiridinn Di-luain s’a chaidh. Rugadh e ann am baile Halifacs, agus chaidh a thogail ann an teaghlach Alasdair Mhic Neill, am Mabou. Bha e sia bliadhna fichead a dh’ aois. Shil uisge trom oidhche Di-satharna agus maduinn na Sabaid, agus a rithist oidhche Di-màirt. Bha tàirneanaich ann leis an uisge oidhche Di-satharna ’s Di-màirt. Ni an t-uisge sin feum mor do ’n dùthaich, a tha cheana fad air thoiseach ann am fàs air mar a bha i mu ’n àm so air an t-samhradh an uiridh. Tha an gual a tha ri fhaotainn aig an t-Simealair, an siorrachd Inbhirnis, air a chreic ri cuideachd de dhaoine saibhir á Sasunn, agus tha dùil gu’m bi meinn air a fosgladh an ùine ghoirid ’s air a h-obrachadh le neart. Chaidh pris mhor a phàigheadh air na chaidh a cheannach, agus cha’n eil e ro-choltach gu ’n leigear le uiread airgeid a bhi ’na thàmh ùine ro-fhada. Chaidh triùir dhaoine mharbhadh aig an obair-iaruinn air an t-seachdain s’a chaidh—Iain Hamilton, Tomas C. Moxham, agus Gilleasbuig Russel. Thatar ag radh gu ’n deachaidh còrr us tri fichead duine a mharbhadh aig an obair o’n chaidh tòiseachadh oirre, da bhliadhn’ air ais. Cha ’n eil teagamh sam bith nach gabhadh moran de na sgiorraidhean bàsmhor a thachair seachnadh na ’m biodhte cho cùramach mu ’n obair ’s bu chòir a bhith. Tha an carbad-iaruinn air an t-seachdain so a’ riuth a reir tim-chlàr an t-samhraidh. Tha a’ cheud trein a falbh aig sia uairean ’sa mhaduinn ’sa tilleadh aig leth-uair an deigh seachd, feasgar. Tha i so a’ taghal ann an Sidni Tuath a’ falbh ’sa tilleadh. Tha an trein luath a falbh aig aon uair deug ’sa mhaduinn agus a tilleadh aig aon uair deug feasgar. Cha’n eil i dol a stigh do Shidni Tuath a falbh no a tighinn, ach tha carbad ’ga coinneachadh aig an junction a bheir na bhios oirre de luchd-turuis air son a bhaile sin gu ’n ceann-uidhe. Tha ceannardan an airm Bhreatunnaich ann an Africa mu Dheas aig an àm so a’ gabhail moran cùraim de gach seòrsa bidh a thatar a toirt do’n dùthaich. Cha ’n eilear a’ cur do chearna sam bith ach direach na dh’ fhoghhas, air eagal gu ’n tuit a bheag no mhor dhe ann an làmhan nam Boereach. Tha an geamhradh a tòiseachadh anns an dùthaich sin, agus an ùine ghearr cha bhi biodh do dhuine no do bheothach ri fhaotainn an àite sam bith ach anns na bailtean, far am bheil e air a gheard leis an arm. Air an dòigh so thatar an duil gu ’n eigin do na Boerich striochdadh gu buileach. Cha ’n eil a seasamh a mach dhiubh ach buidhnean beaga an siod ’s an so, agus cha’n eil teagamh nach dean cion a’ bhidh iad sin a thoirt gu ùmhlachd. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 390] [Vol. 9. No. 50. p. 6] Dughall Cuagach agus an t-Apa. LE “CUCHUILLINN.” Ann an gleann iomallach anns a’ Ghàidhealtachd bha duine ris an cainte Dùghall Cuagach. Cha rachadh cumadh a phearsa air di-chuimhne, na’m faiceadh neach aon uair e. Bha cnap mor cinn air, gruag chràsgach dhubh, agus casan cuagach o ’n d’ fhuair e pàirt de ’ainm. Bha Dùghall gle ghealtach, agus bha e ’làn-chreidsinn ann an taibhsean agus ann an samhlaidhean; nan creidte e féin, chunnaic e ’n t-each-uisge agus a’ mhaighdean-mhara. Ach ni sinn iomradh air an t-sealladh o ’n do ghabh Dùghall am farbhas cho mor ’s a ghabh e riamh. Thàinig seoladair dhachaidh as na righeachdan thall, do bhaile ’bha ann a’ nàbachd Dhùghaill. Thug an seoladair apa, mar a theirir anns a’ Bheurla monkey, dhachaidh leis. Cha ’n fhacaidh Dùghall apa riamh; agus cha mho a chualaidh e gu ’n d’ thàinig a leithid sin de bheathach mi-sgiamhach do ’n dùthaich. Chaidh teadhair iarruin a cheangal mu amhaich an apa, air eagal mu ’n faodadh e teicheadh agus cron a dheanamh. Ach air oich’ àraidh dh’ eirich aimhreit eadar an t-apa agus cuilean coin a bh’ aig an t-seoladair. Bha ’n t-sabaid cho cruaidh ’s gu ’n d’ fhuair an t-apa ma sgaoil, a slaodadh na teadhair ’n a dheigh. Chum e air aghart gus an d’ ràinig e ’n cladach, agus shuidh e ann an toiseach bàta ’bha air a’ phort. Thachair gu ’n robh Dùghall agus triuir bhodach ag iasgach sgadain; agus dh’ fheumadh iad falbh gu maith tràth ’s a’ mhaduinn. Air an oiche mhi-fhortanaich so air an do theich an t-apa dh’ eirich Dùghall fada romh bheul an latha, agus bha e aig a’ chladach mu ’n do ghluais a h-aon de na bodaich. ’Nuair a ràinig e ’m port, aig bonn creig’ àirde, sheas e aig deireadh a’ bhàta, oir bha ’m bàta air a tarruing suas air a’ chladach. Bha ’n t-apa ’n a shuidhe air an scruig-thoisich, agus gu dearbh cha robh e tlachdmhor. Cha ’n eil duine fodh ’n ghrein nach cuireadh an sealladh ud tiomadh air, mur biodh fios aig egur beathach talamhaidh a bh’ ann. Bha ’ghealach a’ deàrrsadh gu soilleir air aodann an apa, air chor agus gu ’m facaidh Dùghall truagh a chruthachd gun mhaise. Chuir an t-apa dreun uamhasach air, ach ma chuir ’s e chur an dreun air Dùghall. Thug am beathach grad leum a nuas air feadh a’ bhàta, agus rinn na h-iarruin fuaim nach robh taitneach a chluinntinn aig an am ud de ’n oiche, ann an àite cho aonranach, agus gu h-àraidh ann an coimh-cheangal ri beathach cho grànda. ’Nuair a chunnaic Dùghall an iomhaigh a teannadh dluth air fein, leig e aon ràn sgreamhail as, agus anns an tighinn mu ’n cuairt gu teicheadh thuit e le meud an fharbhais. Cha ’n ’eil fhios cia mar a dh’ amais e air eiridh; ach co-dhiu, aon uair ’s gu ’n d’ fhuair e air a chasan, faodair a bhi cinnteach nach robh e fad’ a cruinneachadh urad de dh’ astar ’s a b’ urrainn e. Fa dheireadh ràinig e tigh Alasdair Cheisteir. Cha do stad Dùghall ris an dorus fhosgladh, ach thilg e thar na lùdanan e ’steach do ’n tigh. Thug e mach braigh’-an-tighe, agus rinn e greim air posta na leaba. Dh’ fhàg e pàirt de chraicionn clàr ’aodainn air ursann an doruis, leis a’ chabhaig a’ dol a stigh. Chual Alasdair a’ ghleadhraich eagallach a bh’ air feadh an tighe. Dh’ eirich e le crith agus fharbhas, agus las e an cruisgean. Chunnaic e coltas duine cuthaich aig ceann na leaba. Labhair iad ri cheile mar so— ALASDAIR.—O, dhuine uamhasaich ciod e ’tha cearr ort? DUGAHLL.—’S coma sin; tha ’m bàs orm. ALAS.—Ciod e a chunnaic no ’rinn th ’Dhùghaill? ’s i do shùil a tha sgianach! DUGH.—Chunnaic mi ’n Diabhul. ALAS.—Bha mise dearbhta gu ’faiceadh tu e, leis an ùigh a bh’ agad a bhi ’luaidh air ainm. Ach am bheil thu cinnteach gur e ’chunnaic thu? DUGH.—Tha mi cho cinnteach ’s gu bheil e agad air a’ phort ann an sin shios, ach ’s mise nach iarradh ort a dhol g’ a fhaicinn. ALAS.—Cuist, a chladhaire na bochdainn; cuimhnich ceart; ’s e chunnaic tu a chuiseag-ruadh, nach e? DUGH—Cuiseag-ruadh! B’ fhearr leam gur tusa bha ’na m’ àite; sin an uair a bhiodh fhios agad ciod a bha ann. Am bheil thu ’smuaineachadh nach aithnichinn fein e seach cuiseag-ruadh? ALAS.—Agus cia mar a dh’ aithnich thu e? DUGH.—Dh’ aithnich mise leis a cheud sùil a thug mi gur e bh’ ann. Co nach aithnicheadh e? Chunnaic mi ’n t-aodann riabhach aige ’g a shniomh anns a’ ghealaich. Thog e ’n sin te de na ladhran toisich, agus thug e sgriob air a pheirceal grànda. Cha ’n fhacas riamh air thalamh sealladh cho uamhasach. Ach O, ’s e ’n stairirich a rinn e anns a’ bhàta! Tha de shlabhraidhean ’slaodadh ris na lionadh an tigh so. Cha robh ceangal a bha air nach do spion e leis ’n uair a dh’ fhalbh e! ALAS.—An do bheannaich thu thu fein? DUGH.—Bheannaich, agus dh’ eubh mi Mort! tri uairean, ach mar bu mho a bheannaichinn-sa mi fein, sin mar bu dlùithe ’thigeadh esan orm. ALAS.—Tha do sgeul a cur mor ioghnadh orm. DUGH.—Cha chreid mi nach do bhris e mo cheann. Nach ’eil fuil orm? Chuireadh Dùghal a laidhe, ach cha robh ceistear no eildear a bheireadh a chreidsinn air nach fhacadh e sealladh nach fhacadh moran de ’n chinne-daon. Deireadh nan seachd Sathurn’ ort! Dà thrian buidhinn barant. REIC A MACH AIRGEID THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Ur! Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 391] [Vol. 9. No. 50. p. 7] Geiread nan Sean-fhocal. Dearbhaidh ar Sean-fhocail, tha mi meas, gu’m buin geiread cainnt no “wit” do na Gaidheil. Tha na ceudan diubh gu siubhlach ’n ar neasg nach deachaidh fathasd an clò, ged tha fiughair nach bi ’chuis ro fhada mar so; ach anns a’ chruinneachadh a rinn Mac-an-Toisich, ’s anns na chluinneas sinn am beul an t-Sluaigh, saoilidh mi gu’m faighear làn dearbhadh nach ’eil sinn air deireadh, mur ’eil sinn air thoiseach, air ar coimhearsnaich anns a’ bhuaidh so. Tha e fior gu bheil fuaim nam focal gu tric a meudachadh snas an radh—“Ceist bradaig air beugaig;” “Bagair ’s na buail;” “An t-ainm gun an tairbhe;” “Cha lion beannachd brù;” “Cridhe na circe an gob na h-airce;”—ach is buaidh so a gheibhear ann an Sean-fhocail gach tìre; agus is buaidh ionmholta i an uair a tha i air a deagh chleachdadh. Ach gheibh sinn ’n ar Sean-fhocail Ghàidhealach smuain ’us cainnt cho geur ’s a gheibhear an Sean-fhocail ’s am bith. Agus an coimeas ris na Sean-fhocail Bheurla, saoilidh mi gur e na Sean-fhocail Ghaidhealach gu tric is fearr. Tha cuid a gheibhear ’s an dà chanain: agus, ma ’s e ’n eadar-theangachadh a rinn sinne, rinn sinn an corr—leasaich sinn iad an smuain ’s an cainnt. Their na Goill “A lie hath no legs:” their sinne “Cha seas a’ bhreug ach air a leth-chois;” a ris, de “Raw dawds make fat lads” rinn sinne “’S i ’n taois bhog a ni ’màs rag;” agus far an abair na Goill, maol an smuain, ’s lom an cainnt “Far birds have fair feathers,” their sinne “Is gorm na cnuic tha fada uainn. Anns gach feart a ni suas Sean-fhocal—firinn an smuain, snas ’us maise cainnt, fallaineachd teagaisg—cha d’ thoirear bàrr air na leanas; “Cluinnidh am bodhar fuaim an airgid;” “Is righ an càm am measg nan dall;” “Cha cluinn e ach na ’s binn leis;” “’S i ’n dias is truime is isle ’chromas a ceann;” “Bithidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi dùil ri fear lic;”—agus dh’ fhaodte na ficheadan eile ainmeachadh. Cha dearbh ar Sean-fhocail gu’m bu daoine naimhdeil, fuilteach, no sgallaiseach na Gaidheil; agus do bhrigh so saoilidh mi nach b’e geiread no sgaiteachd a theirteadh o shean ri “wit.” Tha cuid diubh salach, ach tha mi meas anns an rathad so nach ’eil iad na ’s measa, ma tha iad cho dona, ri ’n coimhearsnaich. Gheibhear teagasg mi-fhallain an cuid diubh, agus so air doigh nach biodh fiughair ris am measg nan Gaidheal—“Bagair ’s na buail;”—ach cha ’n fhaighear ach ainmig. Air taobh firinn, onoir, gloine an smuain, an cainnt, ’s an gniomh tha iad; agus tha mi meas gu bheil na Sean-fhocail Ghaidhealach ’n am fianuis cho urramach air gliocas, gleustachd ’us deadhbheus ar n-Aithrichean, ’s a tha iad air maise ’s air neart na Gaidhlig. Agus ’s e mo bharail gu’n dearbh cainnt ’us co-luadar ar Sluagh ’n ar latha fein, gu bheil ar beachd air dreuchd geiread cainnt no “wit” mar mhodh-theagaisg na ’s cothromaiche na chuireas na focail ghnathaichte an céill. ’S e gearradh, sgathadh, beumadh, a reir ar cainnt, is crioch do’n bhuaidh so. Ach cha ’n e so gu leir ar cleachduin; co-dhiu anns na cearnan ’s ’a bheil mise eolach. Cha saoil mi gu ’m faighear ann am Breatunn deise cainnt na’s cumanta na gheibhear ann an Eileanan Iar na Gaidhealtachd; agus tha mi meas gu bheil a’ bhuil gus an cuirear am feart anns a’ chuid is mo a chum buannachd. Tha ’n teangadh geur, sgoilte; ach saoilidh mi gu’m faicear driuchd na meala cho tric ri driuchd a’ phuinnsein air a barr. Cleachdar i air uairean gu mi-laghail a sgaoileadh sgainneal ’s a chur smal air deagh ainm; agus gu laghail a sgiursadh a’ pheacaich nach fairich peanas eile cho goirt. Gheibhear an luath-bheul ’s an droch-bheul air uairean ’n ar measg; ach mar is trice ’s ann ri cridheile, ri mire, ’s ri sugradh neo-chiontach a gheibhear a’ bhuaidh air a cleachdadh. Cha ’n fhaigh meud-mhoir no blathastaireachd moran fathanais; agus feudaidh an gille na ’n nighean a thig dhachaidh thar Galldachd le briseadh Beurla ’s le fasain ùra, a bhi cinnteach gu’n teid an cliu a sheirm an rann ’s an radh nach taitinn riu. Ach nach ann a bu choir dhuinn a bhi taingeil gu bheil saighead air choreigin ann a dhruigheas air seice thiugh a’ ghurraich ’s a’ pheasain; gu’n tig oiteag oirnn taobh-eigin a shiabas d’ a aite fein an dealan-dé. Tha ’m bata daraich maith ’s an stri ma’s diulanach do namhaid; ach bu dona ’n t-arm e a shealg ghraineag no dheargann. Is beag duil aig an t-Sasunnach a dh’ fharas sgibeadh a thoirt an aisig dha, no bheir leis balach, gun bhròig gun bhoineid, a ghiulan a shaic, gu bheil suil fosgailte ach a shuil fein. Cuiridh an Sasunnach luideagan a’ bhalaich ’s a chainnt thuaisteach gu “Punch;” ’s bheir am balach teisteanas an t-Sasunnaich gu ’mhathair. Co is geire suil ’s is meamnaich’ inntinn, bhiodh faoin fheoraich; òir leughaidh an Saoghal “Punch,” ’s cha teid cliu a’ bhalaich seach an t-ath dhorus. Dean na thig dhut, ’s chì thu na ’s ait leat. Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Laoidhean Dhughaill Buchanain .10 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gaeh “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr Amy Mhoraidh. FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH. (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 392] [Vol. 9. No. 50. p. 8] Ille Dhuinn. SEISD.— Ille dhuinn, chaidh thu ’m dhìth! Slàn gu’n till thu ’s gu’n ruig thu! Ille dhuinn, chaidh thu ’m dhìth! Ille dhuinn a dh’ fhalbh á Brògaig, Bidh mi brònach gu ’n tig fios ort. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain àluinn, ’S ann Di-màirt a dh’ fhàg thu mise. Ille dhuinn, etc. Dh’ fhag thu mi air cnoc am aonar; ’S léir do ’n t-saoghal mar tha mise. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain dualaich, ’S ann Di-luain a fhuair mi fios uait. Ille dhuinn, etc. Ghabh iad thusa ’n arm Righ Deòrsa; Och mo leon! cha ghabh iad mis’ ann. Ille dhuinn, etc. ’S a’ mhilisi an Duneideann, Dh’fhalbh mo cheud-ghaol fo na h-itean. Ille dhuinn, etc. Dh’ fhàg thu mo shùilean gun léirsinn; Ann a’ d’ dhéigh cha léir dhomh litir. Ille dhuinn, etc. Ach na ’n gealladh tu mo phòsadh, Chunntainn òr dhuit mar na sligean. Ille dhuinn, etc. Mìle marbh’aisg air na breugan, ’S iomadh deuchainn gus an tig iad! Ille dhuinn, etc. Thog iad orm gu’n robh mi aosmhor, ’S ann thuirt daoin’ gun robh mi leth-cheud. Ille dhuinn, etc. Ach na ’m pàigheadh iad mo shaothair, Dh’innsinn m’aois dhaibh ann an tiotan. Ille dhuinn, etc. Bliadhn’ ’ar fhichead, mios, a’s ràithe, ’N aois a tha mi, ’s gu bheil fios air. Ille dhuinn, etc. Mìle marbh’aisg air luchd an tuaileas, ’S beag air an gluais iad droch mheas dhuinn. Ille dhuinn, etc. Ni iad naigheachd do na breugan, ’S bheir iad anns gach beul e chlisgeadh Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain dualaich, ’S òg, a luaidh, a bhuair thu mise. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain chraobhaich, Thug mi gaol araon gun fhios dhuit. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn an leadain bhòidhich, ’S ann fo bhròn a dh’ fhàg thu mise. Ille dhuinn, etc. Ille dhuinn ma dh’ fhàg thu ’n dùthaich, ’S mòr mo chùram nis nach tig thu. Ille dhuinn, etc. Oran. SEISD.— Fàill ill ó ro, fàill ill ó, Fàill ill ò ro éile, Hi rithill uithill agus ò, ’S na thugaibh hó ro éile. Gur mise tha trom, airtneulach, ’S a’ mhadainn a’s mi ’g éirigh; Tha ghaoth an ear a’ gobachadh ’S cha ’n i mo thogairt fhéin i. Fàill ill, etc. Tha ghaoth an ear a’ gobachadh, ’S cha ’n i mo thogairt fhéin i; ’S i ghaoth an iar a b’ aite leinn, A’s lasan oirre ’g éirigh. Fàill ill, etc. ’S i ghaoth an iar a b’ aite leinn, A’s lasan oirre ’g éirigh. Gu ’n tigeadh oirnn am bàta D’am b’ àbhaist a bhi treubhach. Fàill ill, etc. Gu ’n tigeadh oirnn am bàta D’ am b’ àbhaist a bhi treubhach. Uachdaran na tìr oirre— Mo dhìth ma dh’ éireas beud da! Fàill ill, etc. Uachdaran na tir oirre— Mo dhìth ma dh’ éireas beud da! Uachdaran na dùthch’ innte— Gu bheil mo dhùrachd féin leis. Fàill ill, etc. Uachdaran na dùthch’ innte— Gu bheil mo dhùrachd féin leis. Hi rì gu ’m b’ ait leam fallain thu, Ad chaisteal ann an Sléibhte! Fàill ill, etc. Hi rì gu ’m b’ ait leam fallain thu, Ad chaisteal ann an Sléibhte! Far am bi na fidhleirean, ’S na pìoban ann ga ’n gleusadh. Fàill ill, etc. Far am bi na fìdhleirean, ’S na pìoban ann ga ’n gleusadh. A’s far am bi na gillean òg Is bòidhche théid fo ’n éideadh. Fàill ill, etc. A’s far am bi na gillean òg Is bòidhche théid fo ’n éideadh. Far am bi na h-ighneagan, (Bu bhinn leam bhi ga’n éisdeachd.) Fàill ill, etc. Far am bi na h-ioghneagan, Bu bhinn leam bhi ga’n éisdeachd. Is bòidhche théid air ùrlar An àm a’ chiùil a ghleusadh. Fàill ill, etc. Is bòidhche théid air ùrlar An àm a’ chiùil a ghleusadh. Is iomadh òigear furanach, Cruaidh, fulangach le féile. Fàill ill, etc. Is iomadh òigear furanach, Cruaidh, fulangach le féile. A dh’ éireadh leat, a Dhònuill, Na ’n d’ rachadh tòir air Seumas. Fàill ill, etc. A dh’ éiridh leat, a Dhònuill, Na ’n d’ rachadh toir air Seumas. Dh’ éireadh Mac-Mhic-Alasdair ’S Gleann-garaidh leat le chéile. Fàill ill, etc. Dh’ éiridh Mac-Mhic-Alasdair ’S Gleann-garaidh leat le chéile. A’s dh’ fhàgainn-sa mo dhùthaich Air chumhnant a bhi réidh riut. Fàill ill, etc. A’s dh’ fhàgainn-sa mo dhùthaich Air chumhnant a bhi réidh riut. Bheirinn sgriob a Lunnainn leat Na’m biodh mo thuras réidh dhomh. Fàill ill, etc. Bheirinn sgriob a Lunnainn leat Na’m biodh mo thuaras réidh dhomh Ach ’s mise tha gu muladach, Air m’ uilinn, a’s mi ’g éirigh. Fàill ill, etc. Thainig bàs gle aithghearr air Steaphain Mac Neill post-mhaighstir, ann an Shunacadie, maduinn Di-haoine s’a chaidh. Fhuaireadh a chorp na sheasamh an taic feansa taobh an rathaid. Bha e dol dh’ an cheardaich le each a bha e air son a chruidheadh, agus thatar a’ deanamh am mach gun deach e leigeadh a thaic ris an fheansa air dha e-féin fhaireachadh a fàs lag. ’Se tinneas a’ chridhe a dh’ aobharaich a bhàs. Dh’ fhàg e bean agus sianar chloinne. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 393] [Vol. 9. No. 51. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 21, 1901. No. 51. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. V. CHAIDH iad air bòrd air an ath mhaduinn, ’s Calum a seinn “An null o na h-eileanan ’dh’ America gun téid sinn.” Cha robh bàtaichean na smùid cho pailt ’s an àm sin ’s a tha iad an diugh. B’ ann an 1819 a chaidh a cheud té tarsuinn a chuain mhoir gu ruige America. Agus bliadhnachan na dheigh sin b’e ’n t-seann dòigh a b’ fhearr, agus bha daoine smaointean bu chinntiche, na ’n dòigh ùr mhi-nàdarra, anns nach robh, bha iomadh duine glic a smaointean, ach draoidheachd agus sgoil-dhubh. Mar sin ’s e long-sheòl dha ’m b’ ainm an Eala Thuathach a bha dol a threobhadh nan tonn leis na h-òganaich, agus mu ’n robh iad fad o thìr fhuair iad a mach gu ’m b’ olc a fhreagradh a h-ainm dhith; oir cha robh dad a chumadh, no idir do dhreach an eòin stàtail sin air an t-seana luing dhuibh so. “Nam biodh a baisteadh agamsa,” arsa Calum, “bhristinn botul de dh’ uisge salach mu ’n t-sròin aice, agus bheirinn an Tuba Tulagach mar ainm oirre!” “Tha thu ceart, a Chalum,” ars’ Aonghas; ’s e b’ fhearr a fhreagradh oirre gu dearbh. Dhùiriginn iomadh uair a dhol a mach ’ga putadh. Nach bochd nach rachadh againn air a chas a ghabhail, ’s dh’ fhàgamaid ann a sud i. Mar a dean i na ’s fhearr na so bidh cinn ghlas againn mu ’n ruig sinn America.” “Nam biodh an t-seann chliath-luaidh a bhiodh agam a seòladh air luba-nan-tunnag, an uair a bha mi nam bhalach, agam,” arsa Calum, “rachainn a dh’ fheuchainn reis rithe. Cha chreid mi gu ’m bheil rodan fhéin air bòrd, agus chuala mi gur droch comharradh sin.” An uair a bha iad tri seachdainean a seòladh dh’ éirich gaoth làidir o’n ear feasgar Di-màirt, ’s mu ghlasadh an latha Di-ciaduin bha i na rag-stoirm, a chuireadh long a b’ fhearr na ’n t-seann Eala Thuathach gu dùlan. Ann am beagan ùine bha i ruith fo chruinn rùisgte, an taobh a thogradh an stoirm ’s na tuinn-mhóra, coltach ri guala famhaire, a stiùireadh. Thàinig na slatan-mullaich a nuas, ’s gach ball is treallaich a bhuineadh dhaibh, gu clàr-uachdar na luinge. An àm dha so tuiteam, thachair do Chalum gu tubaisteach a bhith na sheasamh aig bun a chroinn, ’s chaidh a ghlacadh gu teann, cruaidh ’san acfhuinn mharbhtich so, mu ’n d’ fhuair e teicheadh. Ach gu fortanach bha ’charaid, Aonghas, dluth ’s an àm, agus le neart a chur ioghnadh gu leòr air an fheadhainn a chunnaic e, fhuair e Calum as an rib bhàis anns an robh e. An uair a fhuair Calum anail, thuirt e, “O, Aonghais, ’s fhad’ o’n a chuala mi, an uair a bhiodh duine ’ga bhàthadh, no ’n gàbhadh mor sam bith, ’s e faicinn a bhàis m’a choinneamh, gun ruitheadh gach ni a rinn e riamh, ann a prioba nan sùl, mu choinneamh sùilean na h-inntinn aige. Ach cha ’n ’eil e fìor na ’m chàs sa, co-dhiù. ’S ann a bhuail briathran faoin, gòrach ri danns’ anns an eanachain agam, a ghabh cumadh puirt, an uair a bha ’n saoghal a leaghadh as mo shealladh, mar so:— ‘Rinneadh comhla bhigein dhut, A Chalum, mar a thigeadh ort; Rinneadh comhla bhigein dhut,
 ’S na giomaich gheibh do chnàmhan.’” Ach cha b’e uair phort a bh’ ann, mar a fhreagair Aonghas. “Tha eagal orm, a Chalum, nach ’eil cunnart nan giomach seachad fhathast. Ach ma chunnaic an t-Aon a tha riaghladh gach ni, muir ’us tìr, iomchaidh a chaochladh a bhith ann, bidh gach ni a réir a thoil-san.” B’ fheudar na croinn gu léir a ghearradh s’a leigeil leis a chliathaich; mar an ceudna gach ni eile bh’ air bòrd, ach biadh a chaidh iobradh airson aotromachadh air an luing. Gus a chùis a dheanamh na bu mhiosa, thug tonn làidir a bhrist thairis air an luing leis na h-oifigich agus an sgioba gu léir ach dithis do ghrunnd na fairge, ’s cha robh dòigh air an tearmunn. Cha do dhi-chuimhnich Aonghas no ’charaid, fhad ’s bu bheò iad an oidhch’ a lean an latha duaichnidh ud; Agus ’s iomadh oidhche na dhéigh a dhùisg iad as an suain, ’s fallus fuar orra, a bruadar gun robh iad a dol roimhe a rithist. Gun ghealach, gun réul—beanntaibh mora, dubha de neòil, mar ainglean an dorchadais air sgiathan os an cionn, air an gluasad gu reis le spiorad na stoirme—an cuan mór na chaoir ghoiltich, mar gu ’m biodh iutharn fhéin ga bhrosnachadh ’sa ghrunnd airson gach milleadh a b’ urrainn e dheanamh—na tuinn a bristeadh thairis air an t-seann luing, a bha gu miorbhuilteach ag éiridh an uachdar an uair a rachadh iad seachad—osnaich aognaidh na stoirme
— diosganaich seann fhiodh na luinge—fead nan clacha-meallain—agus os cionn gach ni gaoir nan daoine truagha a bh’ air am misneach a chall gu buileach, ’s a deanamh bhòidean nam faigheadh iad beò gu tìr gu bràth, gun cuireadh iad seachad na bha rompa dheth ’m beatha na b’ fhearr na na chaidh seachad. Bòidean faoine—
ged nach biodh iad mar sin nan rachadh an cumail—ach faoin, a thaobh na ’n smaointicheadh daoin’ air, gu ’m bheil iad ann an gàbhadh daonnan, anns an àite ’s tearuinte an saoil iad am bi iad, ’s nach urrainn duine mionaid a ghealltainn dha fhéin airson aithreachas a ghabhail air tir, na ’s mò na ’s urrainn da air muir; ach cha smaointich daoine air ach uair ainneamh—uair a ghàbhaidh—agus cuid nach smaointich air an uair sin fhéin. Air an cuipeadh air adhart leis an stoirm, gun fhios dé bha rompa, no c’àite ’n robh iad a dol, bha na bha beò air bòrd na h-Eala Thuathaich na ’n crùbain an sud ’s an so. Cuid ag ùrnaigh, an duil gum b’e h-uile mionaid a mhionaid mu dheireadh, ’s cuid, tha mi duilich a luaidh, ri mionnan ’s ri glòir uamhasach, ’s iad air greim fhaotainn air buideal branndaidh, gun smaointean air an Dia sin ’s docha bhiodh a toirt breith orra ’s an ath mhionaid. Chaidh pàirt dhiubh so gu ùpraid uamhasaich. Bu mhèinneadairean a chuid bu mhotha dhiubh a dh’ fhalbh á Glasacho. Thòisich cuid dhiubh ri tathunn an stuth theinntich sin air an dithis Ghàidheal, ’s bho nach gabhadh iad e ’s ann a bha iad a dol ga ’n dochann. Ach an uair a chunnaic iad mar a rug Aonghas air an fhear bu choltaiche dhiubh ’s a chuir e na shuidhe e mar gun deanadh e air gille beag, ’s a chaith e ’m buideal leis a chliathaich, cha deach iad na bu dàine. “Gu dearbh,” arsa Calum, “ged bu toigh leam fhìn drùbhag chruaidh uair a’s uair, cha bu toigh leam an daorach a bhith orm a ruighinn an t-saoghail eile. Agus mur a bheil piuthar do ’n mhuic-mhara ’shàbhail Ionah ’gar leantuinn, cha ’n ’eil e ro choltach gu ’m faic sinn coilltean gruamach America gu bràth, ’Aonghais.” Cha do lasaich an stoirm an oidhche sin, ach mu ghlasadh an latha thòisich i ri fàs ciùin, ’s ann an cairteal na h-uarach bha i cho ciùin ’s nach gluaiseadh i fuiltean gruaige. Aig a cheart àm thuit ceò cho trom, ’s gur gann a chitheadh na fir a chéile, ’s iad a nis uile air clàr-uachdar na luinge. Bha Aonghas Donn agus a charaid, Calum, fhathast beò, slàn, a bharr air mu fhichead eile ’dh’ fhàg na tuinn gun sguabadh do ’n aigein. Chaidh fear de na daoine bochda so as a rian, leis a h-uile uidil a bh’ ann. B’ Eirionnach beag éibhinn e, aig an robh iomadh sgeul ait agus freagairt gheur an àm togail a thìr, ach a nis, mo thruaighe, tha e cho gòrach ris na h-eòin, a seinn ’s a gabhail òrain ’s a gaireachdaich ann a doigh a bheireadh air an fhalt éirigh air cinn an luchd-éisdeachd. Thug e ionnsuidh air leum a mach air a mhuir, ag radh gun robh e faicinn conic ghorm, sheamaragach Eirinn, ach fhuair Calum greim air chot’ air ’san àm, ’s b’ fheudar an duine bochd a cheangal. Bha iad uile fann le cion a bhidh, oir cha robh smaointean air biadh o’n a thòisich an stoirm. Mar sin an uair a chunnaic Aonghas nach robh coltas tapachd, na innleachd, na maighstireachd sam bith a measg na bh’ air bòrd, labhair e riutha mar so: “A chàirdean, tha sinn air móran annraidh fhulang, ach tha dòchas agam gu ’m bheil a chuid a’s miosa seachad. Ach air chor ’s ma bhios tuilleadh gàbhaidh againn ri sheasamh, ’s e mo choimhairle-sa gun gabh sinn biadh fhad ’sa bhios an cothrom againn, los gum bi sinn na ’s treise gus cur ris na thig.” Dh’ aontaich iad uile nach b’ urrainn dhaibh dad a b’ fhearr a dheanamh. —“Agus,” arsa Calum, “gus nach bi ’n t-acras oirnn co-dhiu co air bith saoghal a ruigeas sinn!” An uair a ghabh iad biadh thug iad an aire gun robh ’n long a gluasad gu math luath, ged nach robh deò ghaoithe ann. Thuig iad gun robh iad ann a sruth-mara làidir. Ann an ùine ghoirid chual’ iad fuaim uamhasach, a bha sior fhàs na bu chruaidhe mar a bha iad a dol air adhart. Dhruid mar an ceudna ceò tiugh, buidhe mu ’n cuairt orra. ’S gann a bha iad a tarruinn an analach. Dh’ fhàs na h-aodainn aca bàn-ghlas; oir thuig iad gun robh ’n Eala Thuathaich dlùth air a ceann-uidhe deirionnach. Ann am beagan mhionaidean chunnaic iad tromh ’n cheò (bha ghrian a nis air éirigh) an cuan air thoiseach orra na chaoir gheal, a goil a measg chreagan dubha, biorach, a bha ’n drasda ’s a rithist gan nochdadh fhéin, mar gu ’m biodh iad a gabhail fadachd ’sa ’g iarraidh air an Eala bhochd greased orra. Agus ’s e sin a rinn an t-seann long. Chuir i dhith a brògan, mar gum b’ eadh, ’s ghabh i ’m bruthach le luaths gun choimeas gu ’leaba-bàis. Ann a prioba na sul bhuail an Eala Thuathaich le leithid de neart aig [TD 394] [Vol. 9. No. 51. p. 2] na creagan ’s gun do sgap i as a cheile mar gu ’m biodh i air a dheanamh air criostal. Chualas aon sgriach uamhasach os cionn fuaim nan tonn, ’s bha na bh’ air bòrd na luinge mi-fhortanaich air an caitheamh do ’n choire ghoilteach so. (Ri leantuinn.) Mac Tighearn Aird-Eonaig agus Taibhse Fhionna-ghlinn. LE SEUMAS MAC DHIARMAID, CILL-FHINN. GHABH Cailean comhairle Para-nan-sgeul, agus chaidh e do ’n Tom odhar a dh’ fhaicinn Dhòmhnuill Bhàin. Thug iad Dòmhnull Bàn-a-Chléibh mar ainm air, a chionn gur e a bha giùlan goireas-turuis tighearna Aird-eònaig. ’N uair chaidh Cailean a dh’ ionnsuidh an tighe, dh’ innis Dòmhnull dha gu ’n deachaidh fiadh suas ri taobh a’ mhonaidh, agus gu ’m bu chòir dhoibh dol air a luirg. Ach thubhairt Cailean—“Tha mi ’dol a shealgaireachd air dòigh eile, agus rach thusa agus dean thu féin deas, oir tha mi cur romham dol thar a’ mhonadh do Ghleann-liadnaig a dh’ fhaicinn nan caileagan a tha cho ainmeil airson am boichead. Tha iad cho àluinn ris an dealt a thuiteas air an réidhlean neòineanach, agus tha am maise agus an simplidheachd ’tarruing spéis doibh o mhóran dhaoine.” Thàinig a’ chainnt bhriagha so á beul Chailein airson a rùn suidhichte a chumail am folach air Dòmhnull, oir cha robh e idir toileach gu ’m biodh fathast fios aig Dòmhnull ciod a bha e gu oidhirpeachadh. An déigh sin, chaidh iad air an aghaidh, agus ’n uair a bha iad a direadh a mhonaidh os ceann Aird-eònaig dh’ ionnsuidh beul a’ ghlinne, chunnaic Cailean an ribhinn air an robh a chridhe an geall, is i ag imeachd air an tràigh air taobh Lathur de’n locha. B’ i Lathur, seann teaghlach de’n fhine Chaimbeulach; agus bha ise cho ainmeil airson a maise ’s a bha Cailean airson a chruadail. Sheas Cailean an sud ’s an so, agus thug e iomad sealladh fada muladach an taobh an robh i, oir thàinig an smuain ’na inntinn gur e so an sealladh mu dheireadh a gheibheadh e dhith ’s an t-saoghal so. Ach bha Dòmhnull ’cumail an Taibhse fa chomhair, agus bha cabhag air gu dol air aghaidh a chum gu ’m biodh iad troimh ’n Ghleann mu ’n luidheadh a’ ghrian. Nise, chaidh a’ ghrian fodha air cùl Beinn-Lathur, agus bha sgàil an fheasgair shamhraidh air tuiteam air Fionnaghleann ’n uair a bha iadsan ag imeachd. Ghlac an t-eagal Dòmhnull, agus thuig e am platha c’arson a bha Cailean a’ gabhail an turuis sin, agus dhiùlt e gu dian dol ’na b’ fhaide ’na chuideachd. Thàinig gruaim air aghaidh Chailean, agus thubhairt e—“Cha do shaoil mi gu ’n robh thu ’na do chladhaire cho mòr, na gu ’n treigeadh tu mi an dràsda. Ach air m’ fhocal, ma bheir thu ceum air t’ ais gu cinnteach théid mo chlaidheamh troimh do chridhe.” An sin dh-innis e dha a rùn uile, agus thubhairt e ris: “Seas thusa an so, agus cum mo chù air thaod, ach ma chì thu mise dol air mo leth-ghlun, na ’gam shàruchadh leis an Taibhse, leig as Siubhlach.” Bha Dòmhnull na thosd, ach chaidh Cailean am fagus do ’n t-sloc ’san robh an Taibhse a’ gabhail còmhnuidh. Sheas e air àite còmhnard uaine, d’ an ainm Lòn na Taibhse gus an latha ’n diugh, agus, a’ cuimhneachadh air comhairle Phara-nan-sgeul, tharruing e cuairt le ’chlaidheimh, agus sheas e innte gu duineil. Ann an uine gle ghoirid chual e caoidh bhrònach agus gul ’teachd as an t-sloc, agus bha ’n fhuaim sìor theachd ni b’fhaigse dha, agus an sin chunnaic e coslas beothaich mhòir dhuibh ’tighinn, a’ raoiceil agus a’ gulartaich, an car a bha e. Bha an ni uamhasach so ’dol timchioll air a’ chuairt aig Cailean, agus coltach ri béisd cuthaich, reub e an talamh agus cobhar mu ’chraos le feirg. Ach cha robh e an comas dha teachd dlùth ri Cailean. Mu dheireadh, ’nuair a bha ’n Taibhse air lagadh le feirg, sheas i samhach. An sin sparr Cailean oirre tighinn an riochd duine. Am probadh na sùl ciod a bh’ ann ach aogas Dhòmhnull Mhic-a-phearsain, duine a chaochail uine ghoirid roimh sin, agus duine air an robh Cailean eòlach. Cha luaithe a chunnaic Cailean sin na thug e cruinn-leum a mach as a chuairt, agus e ’tuigsinn gur e bàs no buaidh bhiodh ann. ’Na uile neart rinn i greim bàis air an Taibhse, ach chuir boile neo-mheasarra an Taibhse Cailean gun treòir an tiota, agus thuit e air a leth-ghlun. Ghlaodh e air Siùbhlach. Leig Dòmhnull Bàn as e. Chunnaic an Taibhse an cù, agus thubhairt i, “Cum uam do chù agus leigidh mi as thu.” Cailean—“Cha chum mur teid thu agus mur gabh thu fois ’nad uaigh.” An Taibhse—“Tha mo chorp ’san uaigh cheana; cha’n ’eil an so ach mo spiorad.” Cailean—“Rach mata, gu ionad nan spiorad, agus na till tuilleadh.” An Taibhse—“Leig leam dol gu Creag Ealasaid a chuir fodha nan soithichean air a chuain.” Cailean—“Falbh gu d’ àite féin, no bithidh mo chù agad.” An Taibhse—“Leig leam dol a bhùrachadh ’s na claidhean.” Cailean—“Cha leig; bi ’g imeachd gu d’ àite fein, no bithidh mo chù agad.” An Taibhse—“Leig leam dol do ’n taobh tuath car mios.” Cailean—“Gu d’ aite féin gu grad, no leigidh mi mo chù ort.” An Taibhse—“Cum air ais do chù, agus cluinn mo ghuth.” Leig i as Cailean, agus thubhairt i ann an guth brònach: “Mharbh mi duine fagus do ’n àite so, beagan ùine roimh mo bhàs, agus tha ’chorp, agus an caibe leis an do mharbh mi e adhlaichte aig bun a’ chnoic sin. Agus tha mise air mo dhìteadh gu dragh a chur air daoine gus am bi fios aca air mo chionta. Bha Donnachadh Mac-an-Aba an t-Socaich agus mise ’togail bothan àiridh ’sa Ghleann, agus dh’ innis e dhomh gun deachaidh e mach aon mhaduinn ’sa gheamhradh iomad bliadhna roimh an àm ’san robh e ’g innseadh an naigheachd, ’dh’ fhaicinn an robh a chaoraich tearuinte ’san fhang. Ciod a chunnaic e ach mionach fear de na muilt a b’ fheàrr a’ bh’ aige air an t-sneachda. Ann an dearg bhoile tharruing e a chlaidheamh agus lean e ’n luirg gu uamh air mullach Craig Uchdaig. ’Stigh a chaidh e gun fhiamh gun eagal, ach ’nuair a chunnaic e coslas uamharra a’ ghaduiche, chaill e mhisneach agus a threòir. Ann an tiota bha am mearlach air a mhuin. Dh’ fhaighneachd e do Dhonnachadh cia mar thàinig e an sud. Thubhairt Donnachadh gu ’n robh e dol seachad, agus air call a rathaid gu ’m fac e an luirg, agus gu ’n do lean e stigh i. Thug am mearlach air Donnachadh mionnachadh air Dia nach innseadh e do dhuine ’s am bith ciod a chunnaic e; mur mionnachadh chuireadh am mearlach as da gun cheisd. Agus chomhairlich am mearlach Donnachadh gu ’n e bhi cho dàna is tighinn a dh’ ionnsuidh na h-uamh a ris, oir thubhairt e—“Nuair thàinig thu stigh bha mi cho ullamh gu do bheatha a ghabhail ’s a bha mi gu coileach a mharbhadh. Mhionnaich Donnachadh, agus leig am mearlach leir éirigh, agus chuir e biadh roimhe, agus an deigh sin leig e leis falbh dhachaidh. Rinn Donnachadh a réir fhacail, oir bha e ’na dhuine fìrinneach, agus cha do leig e ris an nì sin do neach sam bith gu ùine fhada an déigh do ’n mhearlach an dùthaich fhàgail. Ghabh mise am boile ri Donnachadh air son nach d’ innis e an tràth mu ’n mhearlach, oir ghoid e iomad caora agus a’m bhuath neo-chneasda sgoilt mi ’chlaigionn le m’ chaibe. Thoir leat a chorp, agus adhlaic e an uaigh athar, agus dean mo chionta follaiseach do dhaoine, agus cha chuir mise dragh air daoine tuilleadh.” Le sin a ràdh chaidh an taibhse seachd uairean timchioll a’ chnoic, agus an sin chaidh i as an t sealladh ’na lasair uaine theine. Fhuair Cailean an corp agus an caibe ’san àite a thubhairt an Taibhse, agus dh’ fhalbh e agus dh’ innis e an naigheachd bhrònach do shluagh Aird-eònaig. Thainig iadsan agus dh’ aithnich iad gur e gu firinneach corp Dhonnachaidh Mhic-an-aba a bh’ ann. Gus a sin cha robh fhios aca c’ àite an deachaidh e no ciod a thàinig air. Chaidh an corp adhlacadh an uaigh athar. Fhuair an dùthaich fois o’n Taibhse, oir cha ’n fhac iad i tuilleadh; agus chaidh cliù Chailein am fad agus ’m fagus, agus bha meas aig gach duine air. An déigh sin cha robh misneach aig a mhuime tuilleadh chuilbheartan a ghnàthachadh ’na aghaidh. (A’ chrioch). Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. I O CHIONN fad’ an t-saoghail bha righ a’ riaghladh ann an Harran a bha anabarrach cumhachdach. Bha meas mor aige air an t-sluagh, agus bha uiread sin de mheas aig an t-sluagh air. Bha e ’na dhuine cho subhailceach ’s a bha beo ri ’linn. Cha robh dad ’g a chumail gun a bhith lan shona ach nach robh mac no nighean aige a bhiodh a’ riaghladh thairis air an rioghachd an deigh a bhais. Bha e do ghnath ag urnuigh ri Dia air son teaghlaich; agus air oidhche araidh chunnaic e as a chadal duine tlachdar air an robh coltas faidh a’ tighinn far an robh e, agus ag radh ris: “Fhuair d’ urnuighean eisdeachd; fhuair thu na bha thu ’g iarraidh. Eirich cho luath ’s a dhuisgeas tu, agus lub do ghluinean da uair ann an urnuigh. ’Na dheigh sin coisich do’n gharadh, agus iarr air a’ gharadair pomgranat a thoirt dhut; ith na thogras tu dhe na frasan, agus gheibh thu a h-uile rud a’s miannach leat.” An uair a dhuisg an righ bha ’n aisling ’na chuimhne. Thug e buidheachas do Dhia, agus an uair a dh’ eirich e chaidh e dh’ urnuigh, agus an uair a lub e ghluinean da uair, chaidh e sios do ’n gharadh, agus dh’ ith e leith cheud silean de fhrasan phomgranat. Bha leith cheud bean aige, agus ri uine dh’ fhas iad uile leithtromach; ach bha te dhiubh air nach robh coltas sam bith gu ’n d’ fhas e leithtromach. B’ e Pirouse a b’ ainm dhi. Ghabh an righ grain air Pirouse, agus bha e ’runachadh a cur gu bas. “Cha ’n ’eil sliochd gu bhith aice,” ars’ esan, “agus tha sin ’na chomharradh cinnteach gu ’m bheil diumbadh aig Dia oirre. Is e mo dhleasdanas-sa, mar righ, gach creutair do ’m bheil fuath aig Dia a thoirt air falbh bhar an t-saoghail so. Ged a bha e suidhichte gu ’n cuireadh e Pirouse gu bas, thug an t-ard-chomhairleach air gu ’n do leig e a dhroch run as a cheann. Thuirt e ris nach robh boirionnaich an t-saoghail air an cruthachadh ann an aon suidheachadh, agus leis na h-aona bhuadhan; agus gu ’m faodadh gu ’n robh Pirouse leithtromach ged nach robh e ri aithneachadh oirre. “Tha mi toileach leigeadh leatha bhith beo,” ars’ an righ; “ach feumaidh i falbh as an luchairt, oir cha ’n urrainn domh cur suas leatha.” Fhreagair an t-ard-chomhairleach, agus thuirt e, [TD 395] [Vol. 9. No. 51. p. 3] “Faodaidh bhur morachd a cur do ’n luchairt aig Samer, mac bhur brathar.” Dh’ aontaich an righ gu ’n deanteadh mar so; uime sin chuir e Pirouse air falbh gu ruige Samaria do ’n luchairt aig Samer, mac a bhrathar. Chuir e litir ga mac a bhrathar, agus dh’ iarr e air ceartas math a thoirt do Phirouse, agus fios a leigeadh uige an uair a bhiodh i air a h-asaid, ma thachair gu ’n robh i leithtromach. Cha robh Pirouse fad’ ann an Samaria an uair a bha e soilleir gu leor gu ’n robh i leithtromach, agus an uair a thainig laithean a h-inbhe, dh’ asaideadh i air leanabh mic. Ghrad sgriobh prionnsa Shamaria gu righ Harrain a dh’ innseadh gu ’n d’ rug Pirouse mac dha. An uair a chual’ an righ an naigheachd so bha e gle aoibhneach, agus sgriobh e mar a leanas gu Samer, prionnsa Shamaria: “A charaid, rug a h-uile te dhe mo mhnathan mac dhomh; agus mar sin, tha aireamh mhor de chloinn againn an so. Tha mi ag aithneadh dhut an leanabh a rug Pirouse arach gu math, agus gach foghlum agus fiosrachadh a tha feumail do mhac righ a thoirt dha, Codadad a thoirt mar ainm air, agus a chur an so do m’ ionnsuidh-sa ge b’ e uair a chuireas mi fios air.” Cha robh ni a ghabhadh deanamh nach d’ rinneadh a chum a h-uile seorsa foghlum a thoirt do’n phrionns’ og. Aig aois ochd bliadhna deug, bha e na mharcaiche cho math ’s a shuidh riamh air muin eich. An uair a rachadh e mach le ’bhogha agus le ’bhalg-saighead, cha do laimhsich fear eile bogha b’ fhearr a dheanadh cuimse na e. Agus mu dheidhinn fearas-chlaidheamh, cha ’n fhaighteadh fear sam bith a sheasadh tiotadh ris. A dh’ aon fhacal, bha e ’na chuis-ioghnaidh de gach neach do ’m b’ aithne e, no a chuala m’ a dheidhinn. Air do ’n phrionns’ og a bhith gu nadarra ’na fhear-cogaidh, agus araon laidir ann am misnich, agus treun ann an neart, thuirt e ri ’mhathair air lath’ araidh, “A bhaintighearna, tha mi ’fas sgith de Shamaria; tha mi ’faireachadh miann laidir air a dhol a chosnadh cliu agus gloir dhomh fhin am measg cunnartan a’ chogaidh. Tha moran naimhdean aig m’ athair, righ Harrain; tha cuid dhe na prionnsachan a tha dluth dha toileach teannadh ri cogadh ris. Car son nach ’eil e ag iarraidh ormsa dhol g’ a chuideachadh? Am feum mise mo bheatha chaitheamh gu lunndach an so am feadh ’s a tha mo bhraithrean a’ cogadh ri gualann m’ athar?” “A mhic,” fhreagair Pirouse, “tha mise ’gabhail uiread a dh’ fhadachd riut fhein gus an cluinn mi iomradh air do chliu mar ghaisgeach treun ann an cath ’s an cruadal. B’ fhearr leam gu ’n robh mi air iomradh chluinntinn mu do ghaisgeadh roimhe so anns a’ chogadh comhladh ri d’ athair; ach feumaidh sinn feitheamh gus an cuir e fios ort.” “Cha ’n ann mar sin a bhitheas idir, a bhaintighearna,” arsa Codadad. “Dh’ fhan mi an so ro fhada mar tha. Tha mi ’gabhail fadachd gus am faic mi an righ, agus tha mi ’bagairt a dhol g’ am thairgse fhin dha mar choigreach. Cha ’n ’eil teagamh nach gabh e mi ’na sheirbhis; ach cha leig mi ris dhasan, no do neach sam bith eile co mi, gus an dean mi mile euchd a bhios ainmeil. Is e mo mhiann gu ’n coisinn mi a dheadh-ghean mu ’m bi fios aige co mi.” Dh’ aontaich Pirouse leis, agus ann an ceann beagan laithean dh’ fhalbh Codadad a Samaria, mar gu ’m biodh e ’dol air astar fada do’n bheinn-sheilg, air eagal gu ’m faigheadh prionnsa Samer am mach c’aite an robh e dol, agus gu ’n cuireadh e bacadh air. Bha e marcachd air each geal air an robh srian le bucail agus mireannach oir, agus, mar an ceudna, cruidhean oir. Bha ’n diollaid air a dheanamh ro mhaiseach le sioda gorm agus le neamhnuidean. Bha ceann-duirn a’ chlaidheimh lan dhaoimean, agus an truaill de dh’ fhiodh sandail air a dheanamh maiseach le clachan luachmhor. Bha am bogha agus am balg-saighead an crochadh air a chulaobh. Anns an eideadh so rainig e baile Harrain, agus ann an uine ghoirid bha e air a threorachadh gu luchairt an righ, far an do thairg e dha a dhol ’na shaighdear a chogadh an aghaidh a naimhdean. An uair a chunnaic an righ e, ghabh e tlachd mor dheth anns a’ mhionaid, a chionn gu ’n robh e ’na dhuine og ro mhaiseach ’na chruth, agus ’na dhealbh, agus a chionn gu ’n robh e mar an ceudna coltach ri bhith treun, tapaidh. Dh’ fheoraich e c’ ainm a bh’ air, agus ciod an seorsa dhaoine o ’n d’ thainig e. “Mo thighearna,” fhreagair Codadad, “is mac mi do aon de cheannardan an airm ann an Cairo. Bha toil mhor agam a dhol a shiubhal an t-saoghail, agus thug sin orm falbh as mo dhuthaich fhin. Air mo thurus troimh an rioghachd agaibhse, thuig mi gu ’n robh cogadh eadar sibh fein agus na rioghachdan a tha mu ’n cuairt oirbh, agus tha mi air tighinn ’g am thairgse fhin dhuibh mar shaighdear.” Nochd an righ caoimhneas mor dha, agus thug e dha dreuchd anns an arm. Ann an uine ghoirid dhearbh Codadad gu ’n robh e ’na shaighdear treun, tapaidh. Choisinn e cliu mor o na h-oifigich, agus bha meas mor aig na saighdearan air mar an ceudna. Cha b’ e mhain gu ’n robh e ’na dhuine treun, ach bha e mar an ceudna ’na dhuine deadh-chainnteach, geur-chuiseach; agus mar sin, choisinn e deadh-ghean an righ cho mor ’s nach robh a h-aon anns an rioghachd air an robh uiread de mheas aige. Bha meas anabarrach mor aig an luchd-comhairle agus aig maithean na cuirte air, agus bha leithid de thoil aca a chairdeas agus a dheadh-ghean a chosnach ’s gu ’n d’ rinn iad dearmad air a bhith ’toirt urram dligheach do na mic eile aig an righ. Chuir so mi-ghean gu leor air mic an righ; agus o ’n a bha iad a’ tuigsinn gur ann air saillibh Chodadad a bha iad fhein cho mor air an dearmad, ghabh iad grain an uilc air. Ach bha ’n righ a’ fas na bu mheasaile air Codadad a h-uile latha mar a bha ’tighinn, agus bha e comhnuidh a’ nochdadh dha iomadh comharradh air a chaoimhneas. Bu mhath leis e bhith do ghnath dluth dha. Bha a chomhradh do ghnath ro thaitneach leis; oir bha e anabarrach glic, geur-chuiseach; agus gus a leigeadh ris dha gu ’n robh meas mor aig air mar dhuine glic agus tuigseach, chuir e a chuid mac gu leir fo a churam ged a bha e mu ’n aon aois riutha. Air an doigh so rinneadh Codadad ’na fhear-riaghlaidh os cionn a bhraithrean. Dhuisg so an tuilleadh fuath ’nan cridheachan dha. “An d’ thainig a’ chuis gus a so?” ars iadsan. “Cha ’n fhoghainn leis an righ an coigreach so a ghradhachadh na ’s mo na sinne, ach feumaidh e a chur ’na fhear-riaghlaidh os ar cionn, air chor ’s nach fhaigh sinne dad a dheanamh gun a chead-san. Cha chuir sinn suas leis a so idir. Feumaidh sinn an coigreach so a chur as an rathad air dhoigh air choireiginn.” “Biomaid a’ falbh gu leir, agus spadamaid e,” arsa fear dhiubh. “Cha ’n ’eil math dhuinn sin a dheanamh,” arsa fear eile; “feumaidh sinn an aire mhath a thabhairt nach dean sinn cron oirnn fhin. Nan cuireamaid gu bas e, ghabhadh an righ grain oirnn, agus cha leigeadh e le aon seach aon dhinn a bhith riaghladh. Feumaidh sinn crioch a chur air ann doigh a ’s gleusda na sin. Iarraidh sinn cead air a dhol a shealgaireachd. Agus an uair a bhios sinn astar math air falbh o ’n luchairt, theid sinn air aghart gu baile eile, agus fanaidh sinn ann car uine. Bidh ioghnadh air an righ nach bi e ’g ar faicinn, agus an uair a gheibh e mach gu ’n do leig an coigreach air falbh sinn, agus nach ’eil e coltach gu ’n till sinn tuilleadh, is docha gu ’n cuir e gu bas e, ar neo gu ’m fuadaich e air falbh as an luchairt e.” (Ri leantuinn.) An Tigh-Luadhaidh. ANNS na h-eileinean an iar b’e so cleachdadh na dùthcha ann an làithean m’ òige; ach cho fad ’s a’s aithne dhomhsa cha ’n ’eil mòran de na cleachdainnean sin ri fhaicinn anns na làithibh so ann an ceàrn ’s am bith de ’n Ghàidhealtachd. Ged nach robh mòran saibhreas aig an t-sluagh, bha mòran de bhlàthas agus de chàirdeas ’n am measg. Tha mi a’ toirt cunntas fiìrinneach ann an so air mar a bhiodh an òigridh ’s an tigh-luadhaidh; oir bu mhinig a chuir mi seachad oidhche chridheil agus air bheag cùram còmhla riu. Bha seann Iain Mac Uilleim ’na shuidhe is e ’figheadh na luachrach; ceirsle de shìomain fraoich agus fodair anns gach oisinn mu ’n cuairt da; plàta sìl agus sunnag, séiseach, seithir-cònlaich is cìosanan-suathaidh; is ge bu sgrathach snidheach na tighean, bu mhaiseach sealladh nan gruagach. Bha cas-chrom agus cliath aig an tallaid, toirisgean, ballan, is bràth; cliabh-ghiomach, càiteach, is driamlaich, tàbh, slatan-iasgaich, is sùistean; caibe-làir, ràcan, cuigeal, is criathair; lìon-sgadain, is tràl a’ bhric, is sùilean fallain, lasrach, beò; ’s bu sholus gu leòir an crùisgein. Bha Anna òg, bean Mhic Uilleim, a’ snìomh snàith air a cuidheall, agus Seònaid, a h-ighean, greis a’ càrdadh, ’s a’ nigheadh, ’s a’ fuaigheal, le luinneag òrain ’bu bhinne na teudan clàrsaich no fiodhall; ’am meadhon an t-seòmair bha ’n teine, ’s poit ghuirmein ’n a suidhe ’s an luaithre. Bha gach aon air an còmhdach le clò, plangaid, is drògaid, gach seòrsa air ’fhigheadh le biorain, is currachd a bhiodh mu ’n cluasan; a dh’ éill agus seice bha ’m brògan, air son là seachduin is Dòmhnach: cha robh uiread de phròis anns na gillean an uair ud. Chaidh fear-siubhail le cabhaig a dh’ iarraidh gach caileag gu luath: nigheanan Mhic Dhòmhnuill, Mhic Dhùghaill, Mhic Phàdruig, Mhic Phàrlain, Mhic Aoidh; Mhic Chòiseim, Mhic Thòmais, Mhic-an-Tòiseich, Mhic Leòid, is Mhic Shuain; Mhic Ailein, Mhic Chaluim, Mhic Eachainn, Mhic Choinneich, Mhic Chuinn. Air dhaibh cruinneachadh còmhla, ’s a thòisich na h-òrain ’s na fuinn, luinneag mu seach aig gach té ’toirt a fear fhéin as an ùradh, na fir a’ bualadh nan deàrna, sid an fhàrdach ’bhiodh sunndach; gun fhiamh roimh gach neach, bu bhrasa an nàdur, gu ’m b’ fhearail làidir na suinn. Bha biadh dhe gach seòrsa: aran coirce, eòrn’ agus flùir, feòil dhamh air a ròsdadh, sithionn, cearc, geòidh, ’s coilich-dhubha; cùiteag, adag, langa, is cnòdan, easgann, rionnach, sòrnan, agus liùth, bacach geal o’n ghainmhein, trosg is falmair, is sgadan ùr. An uair a bha ’n còmhlan uile sgìth de cheòl is de dhannsadh, chaidh an t-suipeir ’n òrdugh; slaman, aran, feòil, agus cabhruich; aig banais, luadhadh, no Nollaig, Oidhche Challuinn no Latha Samhna, b’e sid am fasan an còmhnuidh ’bhiodh aig òigridh anns a’ Ghàidhealtachd. AONGHAS MAC FHIONGHAIN. Ge b’e nach beathaich na coin, cha bhi iad aige latha na seilge. [TD 396] [Vol. 9. No. 51. p. 4] Mac-Talla. Air a Chuir a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IUN 21, 1901. BRUADAR SAMHRAIDH.-Thàinig bruadairean do’n t-seòrsa so d’ ar n-ionnsuidh ann an làithean ar n-òige agus ann am bliadhnachan ar n-aois. Dh’ fhalbh an aon chuid air ioma dòigh agus cha robh a’ chuid eile air an ciomhlionadh ’nar féin-fhiosrachadh. Ach thig bruadairean an t-samhraidh a steach do chrìochan an anaim a nis agus a rithisd; co-dhiù a bhuineas am brìagh do raointean na h-inntinn no do chrìochan coitcheann beatha a’ chuirp air thalamh. Dhoibhsan a tha ann an sealbhan aoibhinn air dùthaich bidh bruadair an t-samhraidh ’nan cùisean coithchinn an spioraid agus ’nan gluasaid smiorail air son cleachdainean obair gach latha. Ach tha feadhainn eile ann fad ás aig am bi bruadair samhraidh, feadhainn nach ’eil ’nan seann dachaidhean féin, ach a tha fada ás ann an tìrean céin, ach aig am bheil gràdh do na seann àitean còmhnuidh far an d’ rugadh iad agus far an d’ fhuair iad an àrach. ’Nan cluasan-san bidh ceòl nan eun agus fàile cùbhraidh nam flùran òirdhearc a thàinig a mach air gach bruaich ’nan cuimhneachain dìomhair nach urrainnear a sgrìobadh a mach á clàran buan an anaim. Bidh na smuaintean so ’nam bruadair samhraidh do mhiltean an diugh aig an tigh agus thairis nach fhaigh cothrom air tir am breith is an àraich fhaicinn. Bhiodh e na ni ro-fheumail anns an dùthaich so, mar anns gach dùthaich eile, comas a bhi air a thoirt do na tuathanaich air fiosrachadh ceart fhaotainn mu’n obair. Tha, gun teagamh, mòran ’nar measg aig nach ’eil aithne bhunachdail air gnè is feartan an fhearainn a bhios iad a’ feuchainn ri àiteach’. Tha so car duilich; a chionn air an aon làimh cha’n ’eil e cliùmhor ann féin, agus air an làimh eile tha e ’na chall dhoibh féin agus da’n dùthaich. Bu chòir do sgoilean a bhi an sud agus an so feadh na dùthchadh anns am biodh eòlas ceart mu thuathanachas air a thoirt fagus dhoibhsan a tha gu tric a’ caitheamh an ùine, an cothrom, ’s an saothair air oidhirpean neo-tharbhach. Bu mhaith leinn mar so a bhi faicinn nan daoin’ òga ’tha a’ fuireach aig an tigh air an éideachadh gu cùramach a thaobh nan nithean a tha ’nan làmhan féin agus ás am bheil iad a’ faighinn am beòshlaint. A thaobh nam feadhainn a bhios a’ rùnachadh dol a’ thirean céin feumaidh iadsan a bhi gu màth annta féin agus an teagasg gu gleusda mu’n urrainn iad a bhi cho buadhach ’s a bu mhaith leo am measg choigreach. Tha aig an àm so stri mhor a tòiseachadh anns gach seòrs’ obrach, agus anns an t-stri sin bidh ana-cothrom mor acasan nach bi làn ionnsaichte anns an obair a bhios iad a gabhail as laimh a dheanamh. COIG bliadhna fichead air ais, rinn buidheann dhaoine an t-astar a tha eadar New York agus San Francisco, ann an ceithir fichead us ceithir latha, agus fhuair iad cliù mòr air son an tapadh. Bha daoine meas gu ’m bu shiubhal anabarrach a rinn iad. Air an t-samhradh so tha triùir dhaoin’ òga a’ cur cuairt air an t-saoghal, agus tha dùil aca bhi air an ais anns an àite as an d’ fhalbh iad an ceann shia latha deug air fhichead. Tha so ag innse sgeul mhor air adhartas a thainig air doighean falbh anns a’ chairteal mu dheireadh dhe’n naodhamh linn deug. ’Nuair a chuir Iules Verne a mach leabhar anns an robh an curaidh mu’n robh e a’ sgriobhadh a cur cuairt air an t-saoghal ann an ceithir fichead latha, rinneadh gàire fanaid ris; ach an diugh, duine rachadh a dh’ fheuchainn ris, ’s nach deanamh e an taobh a stigh de cheithir fichead latha, bhiodhte cur as a leth gu ’n do chaidil e air an t-slighe darra leth na h-ùine. Cha ’n eil fhios nach tig an latha anns am faodar cuairt a chur air an t-saoghal ann an seachdain. THA Cecil Rhodes air an ath mhios a’ dol a thoirt sgriob dhachaidh do Shasunn. Bha an duin’-uasal so, beagan bhliadhnaichean air ais, ’na urra ro chumhachdach ann an Africa mu Dheas, cho cumhachdach ’s gu robh e comasach dha a thoil féin a dheanamh ris an roinn bu mhotha dhe ’n dùthaich. Ach an diugh, ’s ann uair ainneamh a chluinnear iomradh air. Tha e cho saibhir ’sa bha e riamh, ach tha a chumhachd air fhàgail, agus cha bhi iadsan a tha ’guidhe sith us soirbheachaidh do Africa mu Dheas duilich gu bheil, oir bha e na dhuine nach stadadh ach gann aig ni sam bith na ’n saoileadh e gu’m biodh e a chum buannachd dha féin. B’e an aon duine, gus an deachaidh Sir Alfred Milner a mach mar àrd-riaghladair na dùthcha; ach riamh o’n latha sin tha faileas an Rhodasaich a sior fhàs na ’s giorra, agus an diugh cha ’n eil e ’na bhòchdan mor sam bith do Bhreatunn no do a h-iochdarain ann an Africa mu Dheas. Le tapadh agus teomachd Sir Alfred Milner chaidh a chur a thaobh ’sa rùsgadh de a chumhachd gun uiread us corruich a chur air, ged nach b’ urrainn da gun a mhothachadh gu robh e a call a ghreim air an dùthaich. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,870.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 397] [Vol. 9. No. 51. p. 5] Naigheachdan. Rinn an stoirm a bh’ ann maduinn Di-satharna s’a chaidh call mor air luchd-iasgaich nan giomach. Bha moran dhe na trapaichean air am bristeadh ’s air an sguabadh air falbh. Bha spraidheadh ann am mèinn am Pittsburg, Pennsylvania, toiseach na seachdain s’a chaidh, agus bha sianar dhaoine air am marbhadh, agus seachdnar air an leònadh. Bha fiach mhiltean dolair air a chall. Tha buidheann mhor de luchd-obrach air track an C. P. R. air a dhol a mach air strike. Tha iad ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Tha mu cheithir mile dhiubh ann air fad, agus ma sheasas iad a mach ùine fhada cuiridh iad an rathad ’na thàmh. Cha ghabh na carbaid cumail air obair mur bi an rathad air a chumail an deagh uidheam. Tha Morair Citchener ag innse gu ’n deachaidh da mhile sia ceud ’s da fhichead de na Boerich a chur as an rathad ceud mhios an t-samhraidh, le bhi air am marbhadh, air an glacadh, no le iad fein a thoirt suas. A cheud naodh latha dhe ’n mhios so chaidh dlùth air coig ceud eile chur a thaobh air an dòigh cheudna. Thatar mar sin ’gan lagachadh ’s ’gan cisneachadh a lion beagan us beagan, agus tha e soilleir gur e sin fhéin an aon doigh air an gabh iad ceannsachadh. Chaidh balbhan d’ am b’ ainm Mac-a-Ghobha, aois tri fichead bliadhna, a bhàthadh faisg air Point Aconi maduinn Di-sathairne s’a chaidh. Dh’fhàg e a dhachaidh, an New Campbellton, maduinn Di-haoine le bàta, ’se air son a dhol gu ruige Glace Bay. Maduinn Di-sathairne thainig an stoirm air agus bha am bata air a bhristeadh air na creagan aig Little Table. Fhuaireadh corp an duine bhochd air a chladach am feasgar sin fhéin. Bha e na ghreusaiche, agus na dhuine gle dhichiollach air son a bheòlaind a chothachadh. THA daoine gle bhuidheach de Phòl Crugar air son e chur roimhe fuireach air falbh as na Stàidean air an t-samhradh so. Tha àireamh mhor de s’ luagh a mhuinntir na Roinn Eòrpa anns na Stàidean: sluagh a tha aineolach agus ann an tomhas borb; bhiodh buaidh mhor aig Crugar ’s aig a chuid òraidean thairis air an t-seòrsa sin, agus na ’n tigeadh e ’nam measg cha’n eil fhios nach fhaodadh e trioblaid a dheanamh do riaghladh na dùthcha. Fanadh Mr. Crugar aig a thigh ag aire ’n airgeid a thug e leis as an Transbhaal, agus bidh riaghladh nan Staidean agus an sluagh a ’s fhearr a th’ anns an dùthaich fada ’na chomain. Tha co-sheirm gu bhi aig Miss Ami Mhoraidh ann an Talla nan Daoin’ Oga (Y. M. C. A.) ’sa bhaile so oidhche Di-luain s’a tighinn. Is e òrain Albannach a bhios i sinn air fad, agus nam measg bidh àireamh de dh’ òrain Ghàilig. ’Nuair a bhios i a’ seinn nan òran Ghàilig bidh i cluich nam fonn air a’ chlàrsaich, an inneal-chiùil a chleachd na Gàidheil o shean, agus anns an bheil ceòl anabarrach briagha. Tha Ami Mhoraidh a faotainn cliù mor mar bhan-òranaiche anns gach àite ’s am bi i, agus tha dòchas againn gum bi tigh làn ’ga feitheamh oidhche Di-luain. Bheireamaid comhairle air gach aon aig am bheil meas air ceòl binn na Gàidhealtachd a dhol ’ga h-éisdeachd. Bidh a cho-shreim a’ tòiseachadh aig ochd uairean. Gheibhear a stigh air 35 sentichean. A reir sgeoil nam paipearan-naigheachd, tha na Vanderbilts air chùl na cuideachd a tha ’gabhail os laimh rathad-iaruinn a chladaich a deas a thogail, agus tha Rockfeller air cùl na cuideachd a tha ’cladhach air son na h-olla aig Loch Ainslie. Tha sinn a creidsinn gu bheil na sgeòil sin cho fior ’sa tha e gu bheil duine ’n cùl na gealaich. Chaidh duine mhuinntir a Bheighe ’n Ear, Iain Domhnullach, a mharbhadh ann am mèinn an Dominion No 1 maduinn Di-ciaduin le meall cloiche a thuiteam air. Bha e ag obrachadh aon de dh’ innealan gearraidh a ghuail nuair a thachair an sgiorradh a chuir crioch air a bheatha. Bha a chorp air a ghiùlan do’n Bheighe ’n Ear feasgar an latha sin fein, air a leantuinn le àireamh mhor de bhuill Comunn Stuaime na Croise. Bha e naodh bliadhna fichead a dh’aois. Cha robh mac aig a phàrantan ach e-féin, agus bidh a bhàs na buille throm dhaibh. Thòisich an t-each iaruinn ri ruith eadar Port Hastings agus Broad Cove Di-satharna s’a chaidh, an coigeamh latha deug dhe’n mhios. Cha bhi an trein a falbh ’sa tighinn ach aon uair ’san latha fad dha no tri mhiosan gus am bi an rathad air a chur an deagh uidheam air son na h-obrach, ach an deigh sin bidh dùil ri i bhi falbh sa tighinn dh’ fhaodte da uair ’san latha. Thatar a deanamh gum bi an rathad air a chur cho fada tuath ri Cheticamp, agus mar an ceudna gu ’m bi meur dhe ’n rathad air a chur eadar Broad Cove, is Orangedale, a dhol troimh Hogomah. Ma thachras sin uile, agus bi ar durachd gu ’n tachradh, bidh muinntir siorracad Inbhirnis air am freasdal gu math le rathaidean-iaruinn. Tha àireamh mhor Eadailteach anns a’ bhaile air an t-samhradh so, agus ged a tha a’ mhor chuid dhiubh ’nan daoine rianail, sitheil, tha cuid dhiubh a toirt dragh gu leòr do luchd a’ cheartais. Tha e na ni cho cumanta fear dhiubh a bhi air a stobadh le fear eile ann an sabaid ’s nach eil moran a nise ’cur suim anns a’ chùis ach iadsan a bhios an cois an dleasdanais timchioll na cùrtach. Tha e cho nàdurra do ’n Eadailteach sgian a thoirt ris an àm na h-aimhreit ’sa tha e do ’n Ghàidheal no do’n Ghall a dhòrn a chleachdadh. Ach cha ’n eil teagamh ma theid a nochdadh dhaibh gur a cionta bhi cleachdadh sgeine ann an sabaid a bhios air a pheanaisteachadh, nach ionnsaich iad ri ùine na sgeinean fhàgail uapa. Tha an Riaghladh Breatunnach an deigh a shuidheachadh gu ’m bi roinn mhor de chosguis a chogaidh ann an Africa mu Dheas air a phàigheadh le cisean a leagail air mèinnean òir an Transbhaal. Cha ’n eil duine beò nach aidich ceartas an t-suidheachaidh sin ach luchd-seilbh nam mèinnean féin. Mur bhitheadh na mèinnean sin, agus an sluagh mor a chruinnich g’ an ionnsnidh, cha ’n eil teagamh nach gabhadh an cogadh seachnadh, oir ’s ann eadar luchd-seilbh nam mèinnean agus riaghladh an Transbhaal a dh’ éirich a chòmhstri an toiseach, agus mar sin tha e iomchuidh gu leòr gu ’m biodh cuid de ’n chosguis air a chur air na mèinnean. Tha leth-cheud millein punnd Sasunnach, no da cheud gu leth millein dolair, air a leagail orra; ni sin uallach-cise an t-sluaigh ann am Breatunn moran na ’s aotruime na bhitheadh e na’n cuirte mu’n coinneamh cosguis a’ chogaidh gu h-iomlan a phàigheadh. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 398] [Vol. 9. No. 51. p. 6] Turus do Norway. LE A. CAMARAN, SLEIBHTE ’SAN EILEAN SGIATHANACH. EARRANN I. Smuainich mi gu’m bu mhath le cuid agaibh, ’s dòcha, beagan a chluinntinn mu na chunnaic agus a chuala mi fhad ’s a bha mi air falbh. Feuchaidh mi uime sin anns an duilleig so ri cunntas ghoirid a thoirt mu chuid de na nithe as sonruichte a thàinig fo m’ aire re mo thurus. Bha mi, re na cuid as mo de ’n ùine, ann an Alba fein, eadar Cill-ribhinn, Moffat, ’us Baile-nan-Granndach. Thug mi mu dhusan la ann an Sasunn, ann am baile Harrogate, far am bheil uisgean-leighis, mar ann an Strath-feothair; agus bha mi mu dhusan la eile (eadar a dhol ann ’us tighinn as), ann a Norway. Agus chionn gur e Norway is annasaiche dhuinn na ar dùthchannan fein oir leam gu’m bi e cho math gearr-chunntas a thoirt mu ’n dùthaich sin, agus mu chleachdaidhean nan daoine a tha fuireach ann, cho fad ’s a chaidh agamsa air an toirt fainear re na tearc de làithean a bha mi ann. Sheol sinn anmoch air feasgair Shathuirne bho bhaile Hull, an Sasunn, ann an steamer thri mìle tunna, agus le 175 de luchd-turais air bord. Bha an Cuan Gearmailteach cho ciùin againn ris an Linne Shléibhteach air feasgair samhraidh, ach thachair ceo oirnn air àirde a chuain, air la na Sàbaid, a chuir maille oirnn. Bha seirbhis againn air bord air an t-Sàbaid aig aon uair deug agus a rithisd aig séa uairean feasgair. Bha na h-uiread de mhinisteirean Sasunnach air bord, agus chionn gu’m b’ iad Sasunnaich a bh’ anns a chuid mhòr de’n luchd-turais chumadh an dà sheirbhis le dithis mhinisteirean de ’n Eaglais Shasunnaich. Bha an t-seirbhis mhaidne gu sonruichte cho sòluimte agus cho drùighteach ri seirbhis aig an do shuidh mi riamh. Bha an ceo a muigh air a chuan gu gulmach, tiugh, dorcha mu ’n cuairt oirnn; bha an soitheach a gluasad gu gann aig leth-astair, agus an dùdach gu tric a seinn, an comunn beag a bh’ air bord, a lùbadh ar glùinean an lathair “An athair shiorruidh,—Dia nam Feart, A chuir an cuan fo ghéill le ’neart, Tha toirt na h-àithne mhòir do ’n mhuir, ’S a criochan roimhp’ air tùs a chuir.” Cha do thog sinn fearann Norway gus an robh e an deigh meadhon latha Di-luain. Sheol sinn an toiseach eadar tir-mòr Norway agus eileanan mòr ’us beag air am bheil na h-uiread de shluagh a chòmhnuidh. Mu bheul na h-oidhche ghabh sinn, uidh’ air ’n uidh’, stigh gu aon de na lochan mòra a tha dol fada suas (cuid diubh uiread ri ceud mìle), troimh ’n dùthaich. Ann an canain Norway ’s e “Fiord” a theirear ri “Loch,” agus ’s e “Hardanger Fiord” is ainm do ’n cheud loch gus an deachaidh sinn. ’S ann aig bun an loch so, air an taobh mu thuath, a tha am baile mòr ris an abrar Bergen, aig an do thaoghail sinn ’n uair a thill sinn a mach as an loch. Chaidh sinn suas astar mor troimh ’n Hardanger Fiord, gu ruige baile beag do ’n ainm Odda, far an deachaidh sinn air tir. Chuir sinn seachad a chuid bu mho de la an so, eadar a bhi cuir cuairt air a bhaile, agus a dhol suas mu dheich mìle troimh ghleann a tha an sin, a dh’ fhaicinn an dùthaich, agus gu sonruichte a dh’ fhaicinn eas ro ainmeil a tha aig ceann a ghlinne. Agus gu dearbh is math is fhiach an eas a dhol ga amharc. Tha an t-uisge a tha tighinn a loch mòr air mullach a mhonaidh a taomadh a nuas ri aodainn cas-chreag mhòr, sgorach, nach eil idir mi-choltach ris an Aonaid mhòr a tha air an taobh deas de bhun Loch-Neimheis agus a tha cheart cho àrd. Leis cho bras ’s a tha an t-uisge ruith sios, agus leis mar a tha a chreag an so ’san sud ga stealladh bh’ uaithe tha an adhar cho làn smùid ’s gum b’eudar còtaichean-uachdar agus sgàileagan a chuir suas. Chaidh sinn troimh chuig de na lochan, no na Fiords mòra gu léir; ach do bhrìgh gu ’m bheil iad uile car coltach ri cheile foghnaidh e ma theid agam air gearr-chunntas a thoirt mu choslas a h-aon diubh. Cha ’n fhiosrach mi air doigh na’s fearr gu so a dheanamh na a radh gu ’m bheil againn aig ar dorsan fein ann an Loch-Uthairn, agus ann an Loch-Neimheis, bho ’m bun gu ’n cinn, meanbh-dhealbh de lochan mòra Norway. Tha mi ag radh meanbh-dhealbh oir tha lochan Norway, agus na beanntan air gach taobh dhiubh, mòran, mòran nas mò anns gach doigh na na lochan ’us na beanntan againne. A thaobh na lochan faodar am faide a thuigsinn ’nuair a theirear gu’m feumadh ceann Loch-Neimheis a bhi an àit’ eigin am fagus do bhaile Inbhirnis mas bitheadh e cho fada ri cuid de na Fiords ann an Norway. Agus a thaobh an doimhne, tha na ficheadan àite annta anns nach d’ fhuaireadh fhathasd grunnd idir. Ann a bhi toirt an steamer mhòr ud mu ’n cuairt anns na h-àitean a bu chuinge de na lochan, chunnaic mi uair ’us a rithisd nach robh ach bho fhichead slat eadar a thoiseach agus aghaidh nan creag a bha ag éiridh suas bho dhà mhile gu ceithir mile troidh os ar ceann. Dh’ innseadh dhuinn gu ’m bheil a chuid as mo de na lochan nas doimhne na àirde nam beanntan as mò a tha ri ’n taobh. Agus tha na beanntan sin fhein ro uamhasach ri amharc orra. Tha beanntan ’us creagan a Choire-Uisge gu math fiadhaich, uamhalta. Ach dh’ fheumta’ dà Chuil-fhion a chàrnadh air muin a cheile mu ’n tigeadh iad suas ri sgoran agus beanntan Norway. Ann am mòran de na beanntan sin cha ’n eil ach a chreag chruaidh, lom, bho ’m bun gus am bidean as àirde dhiubh. Ach tha cuid eile dhiubh a tha air an còmhdachadh an so ’s an sud le coille,—mar as trice an giuthas nàd- REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Ur! Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 399] [Vol. 9. No. 51. p. 7] arrach. Air na monaidhean as àirde, agus as faide air falbh bho ’n mhuir tha còmhdach anabarrach tiugh de dheigh, ’us de shneachda reòta, nach eil a leaghadh a gheamhradh, no a shamhradh. Theirear “Glacier” ris a chòmhdach reòthta so. Ann an aon de na lochan thachair gu ’n robh sinn gu math faisg air aon de na glaciers so, agus rinneadh suas còmhlan de ar luchd-comh-thurais gu dhol a dh’ fhaicinn a ghlacier. Cha deachaidh mi fhein ann, chionn gu ’n robh an t-astar ro fhada leam, agus gu’n robh mòran coiseachd ri dheanamh; ach dh’ innseadh leosan a chaidh ann gu-m faca iad sealladh iongantach. ’Nuair a ràinig iad far an robh an glacier a toìseachadh, chunnaic iad àitean de mu’n coinneamh a bha nan aon bhalla deigh anns un robh tuilleadh as fichead troidh de dh’ àirde, agus bha sruthan mòr uisge a bruchdadh mach fo bhonn an deigh. Air gach taobh de na chuid bu mhò de na lochan troimh an deachaidh sinn, agus anns na h-àitean far am b’fhaide a bha na monaidhean a fuireach air an ais bho’n chladach, chunnaic sinn mòran de thalamh-àitich. Ann an so bha mòran tighean de gach seorsa, mòr ’us beag, agus, a reir coslas, pobull lìonmhor a fuireach annta. Dh’ innseadh dhomh gu’m bheil na h-uiread diubhsan a tha mar so a fuireach an cois na mara a leantuinn an dà chuid tuathanas agus iasgach. Ach chunnaic sinn mòran dhaoine eile anns na srathan agus na glinn troimh an d’ thug sinn turusan goirid a tha, cho fad ’s a dheanta’ a mach, a toirt am beo as an fhearann a mhàin. Is e an sìde no an aimsir rud eile is coir a thoirt fainear a thaobh nàdur na dùthcha. Bha sinn ann mu mheadhon an t-samhraidh, agus faodar a radh nach d’fhuair sinn droch la fad na h-ùine. Ach cha ’n eil an samhradh ach goirid. Tha sneachd ’us reothadh a tòiseachadh an sud fada mu ’n tòisich iad an so, agus a leanailt nas faide cuideachd. Tha barrachd mòr de shneachda a tuiteam, agus tha am fuachd gu fada na’s mò na ann an earrann sam bith de na duthchannan so. Tha na rathadan mora air an dunadh suas le sneachda, air dhoigh ’s gu ’m feumar an cumail fosgailte le croinn-shneachdaidh bho àm gu àm. Agus eadhon ’nuair a nithear sin, is e an carn-slaoid, ’s cha ’n iad cuibhleachan a tha iad a cleachdadh re a gheamhraidh. Dh’ innseadh dhomh mar an ceudna, le feadhainn a mhuintir na dùthcha ris an robh mi a bruidhinn, gu’m bheil na h-aimhnichean, agus na lochan mòr uisge, agus na h-easan àrd a chunnaic sinn uile air an reothadh suas re mòran mhiosan. Bha aon eas a chunnaic sinn agus tha 500 troidh anns a cheud leum tha e toirt, agus gun aon uair a bhi beantuinn ris a chreig anns an àirde sin. Ni mi dichioll, ma bhitheas sinn uile beo, slan, air beagan innseadh mu dhoigh beatha, ’us mu chleachdaidhean an t-sluaigh. Stadaidh mi an dràsda le bhi ag radh (an deigh na chunnaic mi de Norway), gur e an co-dhunadh gus an d’ thainig mi gu ’m bheil cearnaidhean air an talamh a tha na ’s miosa na Gàidhealtachd na h-Alba! (Ri leantuinn). As an Amhuinn Mheadhonach. THA agam ri dolar a chur ugad air son MHIC-TALLA, agus bha mi an dùil sin a dheanamh roimhe so, ach theid tim seachad. Tha sinn gle thoilichte bhi faicinn litrichean “Bodachan a’ Ghàraidh,” agus na comhairlean matha tha e toirt air na gillean agus air na nigheanan òga. Agus cha bu chòir “Mac-Uisdean” fhàgail air deireadh air son a bhi cur nam port-a-bial a nall ugainn. Bidh Uisdean a’ cur nam port a nall agus bidh sinne ’gan gabhail. Bha sinn an oidhche roimhe a dannsadh Ruidhle ’Bhodaich le port Nighean an Fhidhleir. Bha duine uair ’sa chearna so d’ am b’ ainm Donnachadh Fionnlasdan—theireadh cuid “Donnachadh Mamaidh” ris—a bha gle mhath air deanamh oran, Beurla agus Gailig. Cha bhiodh ni ùr sam bith a tachairt nach deanadh e duanag dha. Chaidh a bhreth us àrach air Beinn an t-Sealgair. Bha e na mhaighstir-sgoile, agus bha mise anns an sgoil aige. Bha fear air Beinn an t-Sealgair aig an robh each fiadhaich agus aon latha theich e air. Rinn Donnachadh òran dha; ach cha ’n eil air chuimhn’ agamsa dheth ach aon rann. Bha e mar so:— “Am faca sibh ’n t-each dealanaich Bha againn air a Bheinn? Na draibhearan cha cheannsaich e On tha iad air bheag sgoinn. Bha Iain ruadh is athair ann ’Gad iarraidh ’s tu air chall, ’S ann thachair thu ’n cuithe-sneachd riu, ’S do chasan os do chionn.” Bha e uair eile, agus tha e coltach gu ’n dug nigheanan òga na Beinne aobhar air choir-eigin da, agus rinn e òran ann am Beurla dhaibh. Cha ’n eil agamsa ach a’ cheud rann dheth, agus tha e mar so: There’s a parcel of young lasses On the mountain settlement, And they went to school of late To learn, the art of penmanship. On writing they were capital, On courting they were excellent, And their wisdom is so great They ’d be the best of magistrates. Tha corr us da fhichead bliadhna on chaidh na h-òrain so a dheanamh, agus ged nach eil moran de bhlas na bàrdachd orra, tha mi ’smaoineachadh nach biodh e as an rathad an cumail air chuimhne na ’n gabhadh sin deanamh. Tha tim gle fhuar againn an taobh so o chionn beagan laithean. Rinn an reothadh beagan call air bàrr a’ bhuntàta, agus chunnaic sinn frasan de chlachan-meallain. Chuala mi o chionn fada gu ’n do chuir fear Calum Siomalan a chòta ann an toll na h-àirde tuath, ach ma rinn e sin cha chreid mi nach tug e as e, agus mur cuir e ann an nochd e, bidh reothadh mòr eil againn. Cha ’n eil mis ach car mabach air sgriobhadh Gàilig, agus mar sin cha chan mi an còrr aig an àm so. Is mi do charaid, MICHEAL. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO, Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr Amy Mhoraidh. FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH. (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 400] [Vol. 9. No. 51. p. 8] Oran do ’n Chamairt. Rinneadh an t-oran éibhinn a leanas le Domhull Mac-Gilleain (Domhull mac Eoghain). Thugadh “Domhull Bàn na Camairt” air bho ’n chroit air an robh e an comhnuidh. Rugadh e ann an Grìminish, an Uidhist mu Thuath. Tha e glé choltach nach robh “Camairt” a còrdadh ri Domhull, agus feumaidh gur e fior dhroch fhearann a bh’ ann gus e-fhéin ’sa theaghlach a bheathachadh, mar a chitchear anns a cheud rann. Tha e rithist ag innse mu ’thurus gu Peabull a cheannach mine, agus cho spiocach ’sa bha Mac-Aulaidh, an àm a bhith ’ga creic ris; an connsachadh a bh’ aige fhéin ’s aig an t-seana bhean, agus iad mu dheireadh ag òl deoch slàinte a cheile, ’nuair a fhuair Domhull a mach gu ’m “B’ i fhéin ’s a mhàthair an t-iar-ogha.” Rinn e iomadach oran eile. Mile molachd do ’Chamairt, Seach aon fhearann an Alba! ’S ann a dh’ fhàg i mi direach ’Na mo shìneadh an ainmheach. Ged a dheanainn a churachd, Cha ’n fhàs ach buinteag ’us sealbhag; ’S bi mo bhàrr air an t-Samhuinn Air uiread caillich a dh’ arbhar. SEISD— Haoi-o-haoiri, horo-hall, Haoi-o-haoiri, horo-hall, Haoi-o-haoiri, horo-hall, ’S mairg a thachair ’s an àite Far nach àraichear clann. Tigh’nn as aonais na mine, Cha ’n fhaod gillean bhi meamnach; Ann a’ freasdal bhuntàta, ’S gun ’s a’ bhlàr dheth ach meanbhlach: Ged a rachainn do ’n tràigh dhoibh, Ni na bàirnich am marbhadh; ’S a dhol ’g am ghearain ri bàillidh, Gur beag stàth tha ’na m’ sheanchas. Tha mo cheann-sa air liathadh, ’S gur e ’m biadh a dh’ fhàg ann e; ’S iomadh taigh ’n dean mi, “Dia so!” Dol ’ga iarraidh ’san t-samhradh. ’N uair a leumas an t-samhuinn, A falbh gu baile Chlann-Aulaidh: Iad dhomhsa ruladh a bharraich, ’S iad féin ag àrach air cabhraich! Sud na fir a bhios moiteal, Ni iad fortan am bliadhna: Ma ’s e eòrna no coirce Gheibh iad ochd-sgillinn-deug air. Bidh na bodaich ri mogan,* ’S cha bhi sogan ’ga dheanamh; ’S far an càirear am pige, Cha tig driog as le fialachd. Turus thug mi do Pheabuill, Gu h-airtneulach, cearbach, Dol a dh’ iarraidh na ceannachd; Ann a meadhoin na h-aimsreach; Poc’ a dh’ fhianagan lachdunn! Mi féin a’s m’ each air ar marbhadh, Mi gan iomain le bata, ’Chuid nach fanadh ’s a’ bhalg dhiubh. Mile molachd do Ruairi! ’S gu ’m a buan sud mu ’shealbhan; Ged a gheibhte rud uaithe, Rìgh! bu chruaidh e mu bhargan. Boineid ghlas air a fiaradh, Air de cheud bhathar Fhearchair, ’S gu ’m bi ’n cùineadh ’g a fhaighneachd, Air neo line Ailein Chamshroin.† ’N àm bhi tomhas bhuntàta, Mu ’n robh làn anns a’ chliabh dheth, ’S ann a labhair a’ chailleach, Aig an teine gu fiadhaich: “Tha thu nis air fàs gòrach, ’N uair bu chòir dhut bhi crionna, ’Toirt do chodach do Dhòmhnull, ’S e cheart cho seòlta ri Iamhar.” “Eisd, a bhorrasach shalach! ’S maith a b’ aithne dhomh riamh thu, C’ uim’ nach fanadh tu sàmhach, ’S gu ’n do phàigh mi ’na dh’ iarr mi? Ach chuir an donas glas làmh ort, Mar bhios meairleach an iarrunn; ’S ged a tha thu ’shiol Adhamh, Tha thu grànnd’ air do dheanamh!” “Cum fo riaghailt do theanga, ’S gheibh thu barrachd ’sa dh’ iarr thu.” Fhuair i botal ’us gloine, ’S bha i ealamh ’g an iarraidh: Dh’ òl i sud air mo shlàinte, Lom-làn gus an iochdar, ’S nuair a shloinneadh an càirdeas, B’ i féin ’s mo mhathair an t-iar-ogh’! *B’ e mogan seorsa de stuth-làidir a bhiodh muinntir nan eileanan ud a deanamh aig an dachaidhean. †Am bàillidh a bh’ aig am Morair Domhnullach ann an Uidhist mu Tuath. Laoidh do ’n Oigridh. “Is e ’n t-ionnsachadh og an t-ionnsachadh boidheach.” Is sona ’n leanabh dh’ éisdeas tràth, Ri teagasg neamhaidh fìor; ’S le ’m fuath an t-slighe pheacach, chlaon, Gu h-ifrinn dh’ aomas sìos. Ma bheir sinn suas sinn fhéin do Dhia, ’Nuair tha sinn òg is fann, Bheir Esan neart dhuinn gu bhi triall, ’Na shlighe féin gach àm. Ma ghabhas sinn ’s an diadh’achd tlachd, ’Nuair tha sinn sgairteal, òg, Ni so ar dion o mhìle lochd, ’S ar cumail ceart ri ’r beò. Ni so sinn beusach, ciallach, stuam’, ’S gach ni ’an cuir sinn làmh; Is togaidh e ar n-inntinn suas, Le buaidh os cionn gach nàmh. Thoir oirnn’ gu ’n coisrig sinn, a Dhé, Dhuit féin ar làithean òg; ’S bheir so dhuinn sòlas agus sìth, An cian a bhios sinn beò. Oir bithidh tu do d’ chloinn a ghnàth, Mar athair làn de thruas; Is anns gach trioblaid chruaidh is càs, Do ghràs ni ’n cumail suas. Thoir orms’ bhi ’g ùrnuigh agus seinn ’S bhi cinntinn ann ad ghràs, Ni so mi feumail ann am linn, Is deas air chionn a’ bhàis. An Cat is an Luch. Thuirt an luch bheag, ’s i ’san toll, “Dé ’m fonn a th’ air a’ chat ghlas?” “Fonn math is deagh shaod, Gum faodadh thusa tighinn a mach.” “’S mor m’ eagal romh na dubhain chrom, A th’ agad ann am bonn do chas: Mharbh thu mo phiuthrag an dé, ’S fhuair mi fein air eigin as.” “Cha mhis’ a bha ’sin ach cat mhic Iain Ruaidh, A b’ àbhaist a bhi ruagadh chearc, Ghoid i ’n càise ’bha ’s a’ chliabh, ’S dh’ ith i ’n t-iasg a bha ’s a’ phreas. Bais. Air taobh tuath an Eilein Mhoir, air Di-haoine, an latha mu dheireadh dhe ’n Mhàigh, Aonghas Domhnullach, leth-cheud us seachd bliadhna dh’ aois. Bha e na mhaighstir-sgoile, agus bha e a cumail sgoile fad choig bliadhna fichead. Ghabh e droch fhuachd o chionn bliadhna air ais, a thainig gu caitheamh dha agus a dh’ aobharaich a bhàs. Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Laoidhean Dhughaill Buchanain .10 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands,by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian. (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA ’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor A. W. Redden & Co. Ann an Togalach an Rosaich. So beagan dhe na bargain:— Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25 Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75 Botainnean fada 3 25 a nise 2 75 Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25 Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90 Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite. Ross Block, Sraid Shearlot, Sidni, C. B. A. W. REDDEN & Co. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna. [TD 401] [Vol. 9. No. 52. p. 1] MAC-TALLA. “An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.” VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 28, 1901. No. 52. Aonghas Donn Ghlinn Fraoich. LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN. CAIB. VI. DH’ FHAG sinn na bh’ air bòrd na h-Eala Thuathaich ann an droch caradh, ann an deireadh a choigeamh caibideal, agus ’s mithich dhuinn ar càirdean fhaighinn as, ged nach ’eil a chuis coltach a bhith ro shoirbh. Bha Aonghas Donn na dheagh shnàmhaiche, ach ged a bha, cha deanadh snàmh móran feum dha far an d’ fhuair e e-fhéin aig an àm ud. Cha robh cuimhn’ aige air ni o’n a bhual an long ’s a bhrist i na spealgan fodh ’n casan, gus an d’ fhuair e e-fhéin ann an sgor creige far an do dh’ fhàg an sruth e. Brùite, fann ’s mar a bha e, tharruinn e e-fhéin suas gu mullach na creige, agus bha e gle thaingeil ’n uair a dh’ aithnich e nach robh cneamh briste na dochann mór sam bith air a dheanamh air. An uair a fhuair e ’fhradharc sheall e mu ’n cuairt, agus le ioghnadh toilichte chunnaic e sealladh gu math taitneach a thug togail dha ’chridhe. Bha e cuibhteas an ceò, a bha ’g iathadh gun lasachadh mu ’n àit anns na mhilleadh an long; ach air an taobh eile bha tìr ghorm, bheannaichte, ’s gun eadar e ’s i ach bagh beag air a chuartachadh le creagan. Ged a bha coltas garbh air a chladach, thog cridhe Aonghais ris gu mór, oir bha e toirt na chuimhne cladaichean tir an fhraoich. Bha preas is coille òg gu leor ri fhaicinn air tìr, agus bha faileadh cùbhraidh iomadh flùr bòidheadh a fàilteachadh cuinneinean Aonghais, agus iomadh seorsa ceileiradh binn o eòin nach fhaca ’s nach cual’ Aonghas riamh a leithid, a cur na chuimhne gun robh e da rireadh ann an saoghal ùr. Ach ghrad smaointich e air a chompanach, Calum, agus cha do ghabh e nàire sam bith an uair a dh’ fhairich e na deoir bhlàtha ’sruthadh ri ’ghruaidhean, oir bha urad gràidh aig an dithis oganach so dha chéile ’s ged bu bhràithrean iad. “O,” ars’ esan ris fhéin, “b’ fhearr leam aon sealladh dheth fhaicinn beò, slàn, na ged a gheibhinn America as a ghrunnd!” Ach dé bha sud. Shaoil leis gun cual’ e glaodh os cionn toirm aognaidh nan tonn a measg nan creag. Thionndaidh e, ’sa chluas ri claisneachd, ’s gun e ach gann a tarruinn analach, ’s chual’ e rithist e. Thug e an sin an aire, air fosgladh do ’n smùid a bha ’g éiridh gun abhsadh an taobh a muigh dheth, do dhuine ’s greim bàis aig’ air creig bhiorach, dhuibh mu choinneamh, mu fhichead slat uaithe. Chuir Aonghas lamh air gach taobh dheth ’bheul, airson a ghuth a chaitheamh na b’ fhaide, agus ghlaodh e ann am Beurla co bh’ ann. Thainig a fhreagairt air ais ann an deagh Ghàilig—“Tha mise, ’s ann an ainm Dhé feuch an teid agad air mo shàbhaladh, oir cha ’n urrainn mi greim a chumail moran na ’s fhaide, ged a dh’ fhàg do ghuth agus fios gu bheil thu sàbhailte gu math na ’s treise mi.” Bha Aonghas air a ghonadh, ’s gun e faicinn dòigh air a charaid a shàbhaladh, ’s nach gleidheadh iasg a bheatha ’san fhairge ghoilteach a bha ma chuairt air a chreig air an robh Calum. Ach cha deanadh seasamh far an robh e feum. Leum e o chreig gu creig, sios taobh a bhàigh, feuch am faiceadh e ni sam bith leis an cuidicheadh e ’charaid, a bha air thuar a bheatha chall mu choinneamh a shùilean. Chunnaic e tiurra pios air thoiseach air, mar a bha e dol air adhart—sprùilleach de gach seòrsa ’bha mu ’n luing. Bha Aonghas an dòchas gum faigheadh e ròpanan gu leor a measg na connalaich so; ach, mo thruaighe, an uair a shaoil leis a bha e gus a bhi aca, dh’ fhosgail bealach air a bheulaobh anns an robh co-dhiù fichead troidh a leud. Bha chreag air gach taobh cho cas ri balla, agus astar mor os cionn an uisge. Bha an t-uisge ’ruith anns an àite chumhann so cho luath ri sruth muillinn. Ach cha robh so a dol a bheatadh fear a fhuair a bheathachadh air min choirce ’s air bainne, agus gu h-àraidh glaodh Chalum na ’chluasan. Shad e dheth ’aodach uachdair, ’s thill e air ais mu fhichead slat, ’s thainig e air adhart le roid thun a bheallaich, ’s leum e thairis. Bhuail a shàiltean air a bhruaich, gun ghreim còir fhaotainn. Shaoil leis gun robh a reis aig a ceann, air dha e-fhéin fhaighinn a falbh an comhair a chùil, ach le spàirn shìn e lamhan, agus gu fortanach ghlac e spuir do ’n chreig ’s tharruinn e e-fhéin suas gu sàbhailte. Cha robh e air a mhealladh; fhuair e de bhuill na thogradh e. Chunnaic e mar an ceudna gum faodadh e ’m beallach a sheachnadh le gabhail mu ’n cuairt a bhàigh, agus cha bu ruith ach leum gus an d’ fhuair e e-fhéin mu choinneamh Chaluim. “Beannachd leat, ’Aonghais,” ars’ esan, “beannachd leat! Feumaidh mi mo ghreim a leigeil as; tha mo lamhan air am mothachadh a chall. Slàn leat, a charaid! Agus ma bhios e ’n dàn dhut tìr an fhraoich fhaicinn gu bràth, cuimhnich gun taghail thu air mo mhàthair bhochd, agus na di-chuimhnich Màiri Ailein; tha fios agad c’àite ’faigh thu iad le chéile. Agus innis do Mhàiri gun robh mi dìleas dhi daonnan, ged a dhealaich sinn ann an corruich, le breugan luchd mi-rùin.” “Tut, tut, a Chalum,” ars’ Aonghas, “co ’s fhearr teanga na thu fhéin airson rud a dheanamh ri Màiri? Agus bheir mise ’n aire gu ’m bi mi air an réiteach cuideachd. Na géill fhathast, a Chalum; cum greim ’s bidh tu sàbhailte ann an coig mionaidean.” Bha Aonghas air dul a chur air an ròp, agus air dha sealladh math fhaighinn de Chalum, chunnaic e gur e ’chùl a bha ris. Ghabh e cuimse mhath, ’s air an treas ionnsuidh chaidh am ball mu ghuaillibh Chalum. Bha Aonghas air a chlisgeadh, ’s a chridhe na bheul, air eagal ’s gun ruitheadh am ball mu amhaich Chalum, ach gu miorbhuilteach theannaich e mu ghuaillibh dìreach an uair a bha e leigeil as a ghreim leis an darna làimh. Mar so fhuair Aonghas a charaid á inean a bhàis ’s air a chreig làmh ris, leth bhathte ’s mar a bha e. Bha fios aige dé bu choir dha ’dheanamh na leithid de chàs, agus ann an ùine gun a bhi fada bha e air a dheagh dhuaisneachadh airson a shaoithreach, le Calum fhaicinn na sheasamh gun chuideachadh, lamh ris. B’e cheud ghniomh a rinn na h-òganaich, an glùin a lùbadh, agus taing a thoirt do Dhia, a shàbhail iad cho miorbhuilteach a measg na bh’ air bòrd. Dh’ fhàg iad na creagan (’s cinnteach gun abair leughadair air choireiginn, gum bu neònach nach tug iad leoth’ iad) agus chaidh iad gu tìr fo dhubhar nan craobh, oir bha iad air an claoidh gu mór, ’s cha b’ ioghnadh. Bu thaingeil a leig iad an taobh ris an talamh bheannaichte. “C’àit’ air an t-saoghal a bheil thu smaointean a bheil sinn?” arsa Calum, ’s e togail a chinn. “Tha mi cinnteach gu ’m bheil sinn an àiteiginn an ceann a tuath America,” ars’ Aonghas. “Agus seall, a Chalum, an sgurra mór, dubh a tha muigh an sùd: cha rachainn an urras nach e ’n North Pole a th’ ann!” “Ma ’s e,” arsa Calum, “’s garbh an fhàilte ’chuir e fhéin ’s a chladaichean oirnn gu dearbh. Tha mi-fhin a faireachdainn mar a shaoileas mi bha Ionah, an uair a dh’ fhàg a mhuc-mhar’ air an tràigh e.” “Bidh sinn beò ’an dòchas co-dhiù,” ars’ Aonghas, “gum bheil làithean soilleir a feitheamh oirnn fhathast a chuireas so as ar cuimhne.” “Cha chum dòchas fada beò sinn,” arsa Calum. “Tha mi ’smaointean gu bheil an sàl fhéin na ’s tàbhachdaiche air an stamaig, ged nach d’ thainig e riumsa ro mhath. B’ fhearr leam fhin bonnach math eòrna an ceart uair, na na bha de dhòchas riamh aig Alasdair Mór.” Dh’fhàg Aonghas a charaid a caoidh a’bhonnaich eòrna, ag ràdh ris gun robh e ’n dòchas gum faigheadh e biadh gu leor a measg na chaith an sruth air tìr dheth na bh’ air an luing, agus ghabh e sios an cladach. Cha robh ’n teas cho mór a nis, ’s bha na h-eòin air togail a mach, a seinn le caithream a measg nan craobh—a ghrian a dearrsadh gu seimh os a chionn—sàmhchair a riaghladh air gach taobh, ach monamhur is gluasad nan tonn a measg nan creag, a bha ann an dòigh a fàgail na sàmhchair na bu thruime, los gur gann nach robh Aonghas a toirt air fhéin a chreidsinn gur h-e bruadar a bh’ ann ’s a h-uile rud a bh’ ann. Mu ’n do ràinig e ’cheann-uidhe chunnaic e grunnan eoin ag itealaich ’s a sgriachail pios air thoisich air. Choisich e gu math, ’s ràinig e ’n t-àite. Bha ann an sin an t-Eirionnach beag, bochd a cheangail iad ’n uair a chaill e reusan, ’s e fhathast ceangailte ris an t-slait, ach bha e gun deò. Thuirt Aonghas ris fhéin nach fhàgadh e ’n sud e co-dhiù, aig fiadh-bheathaichean ’s aig eòin. Thog e leis e suas pios o’n chladach, agus an sin fhuair e bòrd cruaidh geur, ’s le dichioll agus ùine rinn e sloc anns na dh’ adhlaic e e mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, a carnadh chlach mu ’n cuairt airson biastan na coille a chumail o Bharney bochd. So seachad, le cridhe trom thug e aghaidh air a ghnothuch a thug an rathad e. Fhuair e ’n ùine ghearr biadh is deoch gu leor, briosgaidean, is càise, ’s gnothuichean math eile ris an deanadh càilachd duine sam bith toileachadh. Thog e leis eallach math, a toirt aotromachadh air mar a bha e dol air adhart, ’s ga thasgadh ann an àite ’b’ fhearr a ghleidheadh e. Bha e smaointean gun cuireadh pàirt dheth so am bonnach eòrna á cuimhne Chalum. Le ceum aotrom cha robh e fada a ruighinn an àite na dh’ fhàg e ’charaid. Ach an creideadh e’ shùilean—shuath e iad uair is uair, is sheall e rithist—ach cha robh sealladh air Calum! (Ri leantuinn.) [TD 402] [Vol. 9. No. 52. p. 2] Sgeulachdan Arabianach. CODADAD AGUS A BHRAITHREAN. CAIB. II THUG a’ chomhairle so toileachadh mor do mhic an righ. Chaidh iad far an robh Codadad agus dh’ iarr iad cead air a dhol do ’n bheinn sheilg, agus gheall iad, nam faigheadh iad cead, gu ’n tilleadh iad an latha sin fhein. Thug Codadad cead dhaibh ’s gun duil sam bith aige gu ’n robh dad cearr fa near dhaibh. Dh’ fhalbh iad, ach cha do thill iad an latha sin idir. An uair a bha iad air falbh tri latha, dh’ fheoraich an righ de Chodadad c’ait’ an robh iad, o’n a bha uine o nach fhac’ e iad. An uair a rinn Codadad umhlachd do ’n righ, thuirt e “Mo thighearna, chaidh iad do ’n bheinn sheilg o chionn tri latha, ach gheall iad gu ’n tilleadh iad roimhe so.” Chuir so dragh mor air an righ, agus an uair a chunnaic e nach do thill iad an ceann a’ cheathramh latha, dh’ fhas e ro dhraghail ’na inntinn buileach glan. Mu dheireadh thuirt e, agus e ann am feirg, ri Codadad, “A choigrich gun tur, c’ar son a leig thu le mo chuid mhac-sa dol air falbh do ’n bheinn sheilg gun thu fhein a dh’ fhalbh comhladh riutha? An ann mar so a tha thu ’cur an gniomh an dleasdanais chudthromaich a dh’ earb mise riut? Bi falbh air an toir anns a’ mhionaid, agus thoir do m’ ionnsuidh-sa iad, ar neo cha bhi ’n tuilleadh saoghail agad.” Chuir na briathran so eagal gu leor air Codadad. Gun dail sam bith chuir e e-fhein fo ’armaibh, agus dh’ fhalbh e ’mach as a’ bhaile. Agus, mar gu ’m biodh ciobair a bhiodh an deigh a threud a chall, bha e ’sireadh a bhraithrean air feadh na duthchadh gu leir, agus a’ feorach anns gach baile am facas iad, no, an cualas guth no iomradh mu ’n deidhinn. Agus an uair a dh’ fhairtlich air forofhais fhaotainn orra, chaidh e gu tuirse ’s gu bron air an son. “Ochan! mo bhraithrean,” ars’ esan, “ciod a dh’ eirich dhuibh? An do thuit sibh ann an lamhan bhur naimhdean? An d’ thainig mise do luchairt Harrain gus a bhith ’nam mhathair-aobhair air a leithid de bhron agus de dh’ iomaguin a thoirt do ’n righ?” Bha doilghios ro mhor air a chionn gu ’n d’ thug e cead do na prionnsachan a dhol do ’n bheinn sheilg, agus nach d’ fhalbh e fhein comhladh riutha. An uair a thug e iomadh lath’ air an iarraidh, thainig e gu comhnard a bha anabarrach farsuinn. Ann am meadhain a’ chomhnaird bha caisteal mor a bha air a thogail de mharmor dubh. Chaidh e dluth do ’n chaisteal so, agus thug e an aire gu ’n robh boirionnach cho briagha ’s a chunnaic e riamh ’na seasamh aig aon de na h-uinneagan. Cha robh i ann an eideadh riomhach, agus cha mho a bha seudan oirre. Bha a falt sgaoilte sios m’ a guaillean, bha h-aodach air a shracadh, agus bha coltas na trioblaid agus a’ bhroin air a gnuis. Cho luath ’s a thug i an aire do Chodadad, agus a shaoil i gu ’n robh e cho dluth dhi ’s gu ’n cluinneadh e i, labhair i ris, ag radh: “A dhuin’ oig, bi grad fhalbh o ’n aite sgriosail so, ar neo tuitidh tu gun dail ann an lamhan na h-uile-bheist a tha ’na chomhnuidh anns a’ chaisteal so. Is e duine dubh a th’ ann a tha ’g itheadh nan daoine. Tha e ’deanamh greim air a h-uile duine a gheibh e air a’ chomhnard so, agus ’g an cur ann am priosan far am bi iad air an gleidheadh gus an ith e iad.” “A bhaintighearna,” fhreagair Codadad, “innis dhomh co thu, agus na biodh curam ort mu dheidhinn ni sam bith eile.” “Is boirionnach og mi a bhuineas do Chairo, agus a thainig o dhaoine a tha ann an inbh’ aird,” ars’ ise. “Bha mi ’dol seachad air a’ chaisteal so an de, air mo thurus gu ruige Bagdad, agus choinnich an duine dubh rium. Mharbh e mo sheirbhisich uile, agus dhruid e staigh anns a’ chaisteal so mi. Mur biodh agam ri choinneachadh ach am bàs, cha bhithinn a’ gearain. Ach gus an tuilleadh a chur ri mo thruaighe tha ’n duine a’ feuchainn ri impidh a chur orm gaol a thoirt dha, agus mur aidich mi anns a’ mhadainn a maireach gu ’m bheil gaol agam air, ni e foirneart orm gun teagarnh sam bith. Aon uair eile, tha mi ’guidhe ort thu fhein a thoirt as. Tillidh an duine dubh ann an uine ghoirid. Chaidh e feuch an glacadh e luchd-turuis a chunnaic e air a’ chomhnard. Na bi cur seachad na h-uine; cha ’n ’eil fhios agam an teid agad air thu fhein a thoirt as le teicheadh cho luath ’s is urrainn duit.” Mu ’n gann a thuirt i so, thainig an duine dubh ann an sealladh. Bha e ’na dhuine anabarrach mor, agus bha coltas ro oillteil air. Bha e marcachd air each mor, meanmneach, agus bha claidheamh ’na dhorn a bha cho mor ’s cho trom ’s nach b’ urrainn duine sam bith oibreachadh ach e fhein An uair a chunnaic Codadad e, ghabh e uamhas roimhe leis cho mor ’s cho ard ’s a bha e. Thog e a shuilean gu neamh, agus ghuidh e air Dia cuideachadh a thoirt dha. Tharruinn e an claidheamh as an truaill, agus dh’ fheith e gus an d’ thainig an duine dubh far an robh e. Bha ’n duine dubh ag amharc air Codadad le suarachas, agus ghlaodh e ris geilleadh anns a’ mhionaid. Ach leig Codadad ris dha nach geilleadh e ’s e beo; oir ghrad tharruinn e dluth, agus ghearr e a’ ghluin aige gu olc. An uair a dh’ fhairich an duine dubh e fhein air a lot, leig e glaodh eagalach as a chluinntedh fad is farsuinn. Dh’ at e le corruich uamhasaich, agus an uair a tharruinn e ’n claidheamh, agus a dh’ eirich e air a chorra-biod anns na stiorrapan, thug e ruathar uamhasach gus Codadad a ghrad spadadh. Nan d’ amais e air buille a thoirt do Chodadad, bha e air a sgoltadh o mhullach a chinn gu ’mhasan. Ach le ’toirt air an each leum a thoirt air a tharsuinn, sheachainn Codadad a’ bhuille; ach mu ’n do tharr esan an ath bhuille a thabhairt, fhuair Codadad cothrom air buille a thoirt dha air an laimh dheis leis an do ghearr e dheth a lamh. Thuit an lamh agus an claidheamh mor gu lar, agus ann an tiotadh thuit an duine dubh bhar muin an eich, agus chaidh an talamh air chrith. Ghrad thainig Codadad air lar, agus ghearr e an ceann bhar an duine dhuibh. Bha ’bhean-uasal ag amharc air a’ chomhrag a bha eadar na fir, agus bha i gu durachdach a’ guidhe air Dir gu ’n tugadh e buaidh do ’n phrionns’ og, agus an uair a chunnaic i an duine dubh air a leagadh gu lar, rinn i iolach aoibhneis, agus thuirt i ri Codadad, “A phrionnsa (oir tha ’bhuaidh-lathrach a fhuair thu anns a’ chath chunnartach, agus mar an ceudna do chruth agus do choltas a’ toirt orm a chreidsinn nach e duine cumanta a th’ annad,) cuir crioch air an obair air an do thoisich thu. Tha iuchraichean a’ chaisteal aig an duine dhubh. Thoir uaithe iad, agus leig mise as a’ phriosan.” Rannsaich Codadad pocaidean an duine dhuibh, agus fhuair e na h-iuchraichean annta. Dh’ fhosgail e a’ cheud dorus, agus chaidh e steach do chuirt far an do thachair a’ bhean-uasal ris, agus i ’tighinn ’na choinneamh. Bha i air i-fhein a thilgeadh air an lar aig a chasan mar chomharradh air a taingealachd dha mur b’ e nach leigeadh e leatha. Mhol i e mar dhuine treun a rinn gniomh ro ghaisgeil. B’ e a beachd nach robh duine air an t-saoghal cho treun ris. Thug e taing dhi air son na deadh bharail a bh’ aice air; agus ’na shealladh, bha i moran na bu mhaisiche an uair a bha i dluth dha na an uair a bha i astar uaithe. Cha ’n urrainnear a radh co dhiubh a bha ise na b’ aoibhniche a chionn gu ’n d’ fhuair i saorsa as a chunnart anns an robh i, na bha esan a chionn gu ’n deachaidh aige air a leithid de mhnaoi-uasail mhaisich, mhoralaich a shaoradh as a’ chunnart anns an robh i. Am feadh ’s a bha iad a’ comhradh, chual’ iad glaodhaich agus osnaich ro chianail. “Ciod e sid tha mi ’cluinntinn?” arsa Codadad. “Co as a tha na gearainean truagh’ ud’ a tha cur gaoir ’nam chluasan a’ tighinn?” “Mo thighearna,” ars’ a’ bhean-uasal, agus i ’comharrachadh am mach dorus beag a bha air a’ chuirt, “tha iad a’ tighinn as a’ sid. Tha mise gun fhios agam co lion creutair truagh a thuit gu mi-fhortanach ann an lamhan an duine dhuibh. Tha iad uile ceangailte ann an slabhruidhean, agus bha ’n uile-bheist ud ag itheadh fear dhiubh a h-uile latha.” Fhreagair Codadad, agus thuirt e, “Is moir m’ aoibhneas gu ’m bheil mi nis a’ tuigsinn gu ’n toir a’ bhuaidh a fhuair mi air an duine dhubh saorsa o ’n bhas do na creutairean truagha so. Tiugainn comhladh rium, a bhaintighearna, a chum gu ’m bi do roinn agad dhe ’n toileachadh a th’ ann a bhith ’toirt saorsa do chreutairean truagha. Faodaidh tu a thuigsinn o do shuidheachadh fhein gu ’n toir sinn toileachadh mor dhaibh.” An uair a thuirt e so, chaidh iad a dh’ ionnsuidh dorus a’ phriosain, agus mar bu dluithe a bha iad a’ tarruinn dha is ann a b’ fhearr a bha iad a’ cluinntinn gearain nam priosanach. Bha truas mor aig Codadad riutha, agus o ’n a bha cabhag air gus an cuireadh e crioch air an trioblaidean, ghrad stob e te dhe na h-iuchraichean ann an toil na glaise. Cha b’ e an iuchair cheart a chuir e ann an toiseach, agus air an aobhar sin chuir e te eile ann. Chuir fuaim nan iuchraichean an tuilleadh broin air na creutairean truagha a bha ’n sas. Shaoil leotha gur e an duine dubh a bh’ ann a’ dol uca le biadh, agus a thoirt aon diubh air falbh gus itheadh. Thug so orra gu ’n robh iad a’ deanamh barrachd mor de ghlaodhaich ’s de dh’ osnaich. Shaoileadh duine gur ann a cridhe na talmhainn a bha ’chaoidh agus am bron a’ tighinn. (Ri leantuinn.) Clann ’Ic Leoid agus Clann ’Ic Cumhail. LE CALUM MAC LEOID. THA sinn a fòghlum bho luchd-seanachais gu robh Clann ’ic Leoid nan uachdaranan air Leodhas o chionn coig ciad bliadhna agus is ioma chomhstrith ghuineach bha eadar iad fein agus na clannaibh eile a bha gabhail tàmhachd ’san Eilean aig an àm ud. Cha ’n urrainn gun ar aire bhi air a tarraing dh’ ionnsuidh na nithibh so ’nuair bhitheas iad air an aithris dhuinn le cloiginn liath agus ciabhaibh tana. Tha aon sgeul iongantach air innseadh dhuinn mu thimchioll na còmhlaichean eagalach a bha eadar iad féin agus Clann ’ic Cumhail a bha còmhnuidh ann ’sa chearnadh sin de ’n Eilean ris an abrar Uig. Bha aon de cheann-feadhna Chlann ’ic Leoid a còmhnuidh ann an eilean beag air taobh an iar Leodhais ris an goireadh iad Pabaibh. Cha robh neach air bith a’ tàmhachd ’san eilean so ach e-féin agus a bhean agus a theaghlach. Bhitheadh e tighinn ’n ceann aman araidh a thogail a mhàl o’n tuath aige. Thainig e uaireigin an nall, e fhein agus a bhean, a chailleach a b’ fhuathach leis an tuath, ann a scratha bheag eathar a bh’aige, agus bha an sluagh a’ tional thuige leis a mhàl—crodh, caoraich agus gràn—agus is ioma duine dh’ fhag e fein gle [TD 403] [Vol. 9. No. 52. p. 3] ghann do stòras air a shonsa, agus a thuille air a sin a dh’ fhairich am brochan gle mhi-bhlasta ri òl an déis dhasan a spruileadh. Air an latha mu ’n robh sinn a bruidhinn bha bantrach bhochd a measg na cuideachd aig nach robh ni air bith a bheireadh i dha ach aon bho. Bha i ri caoineadh gu cianail ’nuair thug e uaipe i. Chunnaic fear-eigin a bhuineadh do ’n bhantraich an diol a bha am bodach a deanamh oirre, agus rug e air an eist a bha cumail na bà agus tharraing e i agus chuir e tri fiaclan as a bhodach ma thota thoiseach ’n eathar. Chaidh a phlasd sios agus chaidh an t-srathair suas, agus cha b’ fhada gus an rinn Sean Thormoid mar theireadh iad ris, air Pabaidh. Bha triuir mhac aig Sean Thormoid, agus bha iad air an àm ag iarraidh coin, agus ’nuair thainig iad dhachaidh am beul na h-oidhche gu leibideach, de cheud rud a chuir a chailleach air a bhord ach fiaclan a fir. Dh’ innis i a h-uile facal dhoibh, agus ma dh’ innis, gu tir mor gun chum na seòid, a thoirt a steach na tòrachd air Clann ’ic Cumhail. Cha robh iad fada air falbh ’nuair chual an Sean Leodach na garbh-chrachan. “Tha fuil ma fhiaclan mo chuid chulain,” ars’ ise. “Is dubh bhitheas sin dutsa fhathasd a dhroch bhean,” ars’ esan. Mar is minic a thachair anns na linnibh dorcha ud, bha suipear chorrach aig Clann ’ic Cumhail an oidhche ud. Chaidh Clann ’ic Leoid bho thigh gu tigh, a marbhadh a h-uile neach a gheibheadh iad, gus mu dheireadh nach do dh’ fhag iad duine beò ach aon ghille beag a dh’fhag iad leth mharbh, agus is e ’n aobhar a leanas bu choireach gun dh’ fhag iad e fhein:—Air an oidhche fhuilteach bh’ ann so chaidh iad steach do thigh, agus cha robh neach stigh ach aon bhrogach beag ’sa léine agus e ri spiolladh cnaimh feola; thoisich iad ri magadh air, ach ged bha fiaclan a ghille ni b’ fhaide na fheusag aig an am so fhuair iad a mach mu dheireadh gu robh an sean-fhacal firinneach a thuirt: “Da rud nach coir dhuit taire dheanamh orra, balach piollach agus loth pheallach.” “A bheil eagal ort gu marbh sin thu?” arsa fear aca ris. “Fuiribh gu spiol mi ’n cnaimh,” ars’ esan. “Ged tha so mi-choltach cha ’n eil fios nach toir e steach an tòrachd fhathasd.” “Bithidh i fada gu’n toirt a steach,” arsa fear eile agus e a’ satail a bhrogaich thairis air an tallan a bha air taobh shios an teine, agus thug iad na buinn. Chuala seanair a ghille, Fionnladh Ciar Macrisnidh a bh’ ann a Mealstadh, mar theireadh iad ris, gu robh e air fàs gle thapaidh, agus bha shuil ris an tòrachd a thoirt a steach air Clann ’ic Leoid. Cha robh e fada ’m Mealstadh ’nuair chual Clann Sean Thormoid mu thiomchioll. Bha iad gu math tric a tighinn ga iarraidh Iain gu dol a shealg do ’n bheinn maille riutha, ach bha fios aig a sheanair gle mhath c’arson a bha iad ’g a iarraidh agus air an aobhar sin chum e uapa e cho fada ’sa b’ urrainn e. Mu dheireadh thug e dhoibh e fo ghealtanas nach doirteadh iad fhuil. Chuir iad rompa nach doirteadh iad i, ged bu mhiann leo gu reodhadh i. Bha iad aon latha a muigh a sealg agus thainig cur agus cathadh uamhasach orra. Cha deanadh e math aghaidh a chuir air an dachaidh, agus is e rud, a rinn iad, chaidh iad a’ ghabhail tamh na h-oidhche ann am bothan beag a measg nam beann, air an robh Both-ladh mar ainm aca. Chaidh an t-sithean a bhruich agus an t-suipear a ghabhail; ach ’n aite cloit de ’n fheoil ’se fhuair Iain a thilgeal a mach measg nan con thun an doruis chum gu ragaist e. Gu dearbh ’se leabaidh gle mhi-chomhartail a bh’ aige ’n oidhche ud, ach luidh na coin tiomchioll air agus rinn iad rudeigin a’ bhlàthas dha. Thainig guth do sheanair Iain an oidhche so ’na chadal ag radh: “Eirich agus d’ ogha measg nan con air Both-ladh.” Cha do smuainch Fionladh nach e bruadar a chunnaig e agus chadail e. Thainig an guth a rithis, a labhairt nam briathraibh ceudna, ach bha blathas na leapa ro mhilis le Macrisnidh an coimeas ris a chrannadh ’bha muigh, air son a fagail. Thainig an guth an treas uair agus is ann an uair sin thuig Macrisnidh mar bha. Dh’ eirich e gu h-aithghear agus rinn a lan cnagan de bhainne teth, agus thog e fein agus dithis eile orra ri monadh, agus is ioma turas bha an casan os an cionn mu’n do rainig iad an ceann-uidhe. Dh’ fhag Macrisnidh an dithis eile fada bho ’n Bhoth agus chaidh e fhein gu bog, balbh, air adhart. Fhuair e Clann ’ic Leoid nan cadal agus Iain Ruadh leth mharbh measg nan coin. Thug e steallag dha de’n bhainne bh’ aige ’sa chnagan agus thog e air a mhuin e. Ghabh e air falbh o’n Bhoth an comhair a chuil, ged nach robh e furasda, chum an car a thoirt air Clann ’ic Leoid. Rainig iad an tigh sabhailt leis a ghille mu ’n d’ ghlas an latha. ’Nuair dhuisg Clann ’ic Leoid cha robh fios aca air an t-saoghal de bu chiall de an dithis a thainig thun a Bhoth agus nach robh duine idir ri fhaotain agus cha mhotha bha lorg duine falbh uaithe. Thainig iad dhachaidh agus bha iad ri feuchainn air a h-uile cor fhaidhinn a mach de mar dh’ eirich do Iain Ruadh; ach cha robh e cho furasda dhoibh a dhol ann am munichil Mhicrisnidh agus bha suil aca. Chum nach faigheadh iad greim tuille air Iain rinn a sheanar tigh fo thalamh dha, agus a h-uile uair a thigeadh Sean Thormod agus a chuid mac thun an tigh rachadh Iain do ’n tigh fo thalamh. Cha robh e faighinn so gle thearuinte, agus is e rud a rinn e chaidh e do ’n Eilean Sgiathanach, far nach bitheadh fios aig neach air bith co e. Bhitheadh e ’n drasda agus a rithisd a tighinn a choimhead air a sheanair. Agus uair de na uairean mar bha e gabhail seachad aig bonn na beinne mor sin tha ’n Leodhas ris an can iad Mialis-mhal, thachair maighdean mhaiseach air agus rinn e am posadh h-Iortach rithe. Fada ’n deis dha tilleadh air ais do ’n Eilean Sgiathanach rugadh mac dha. Chualadh Clann ’ic Leoid gu robh e ’san Eilean Sgiathanach, agus is e rinn Sean Thormoid, chuir e ’dha chomhal do ’n eilean sin dh’ fheuchainn an tachradh iad ris chum gu ’n toireadh iad ionnsuidh air, mur gealladh e gu ’n tigeadh e Leodhas gu aghaidh cath. Cha dh’ fhag iad cul no cial gun ransachadh anns a saoladh iad am bitheadh Iain Ruadh; mu dheireadh astar math bho Chaisteal Dhunbheagan, thachair duine mor ruadh riu agus a bhrogan air a ghualainn. Dh’ fheoraich iad dheth co as thug e a choiseachd. Thubhairt esan gu ’n thug a Leodhas agus gu robh e airson a toirt ann a rithisd. Thuig iad gu ’r e Iain Ruaidh Mac Cumhail a bh’ ann, agus dh’innis iad dha fath an turais. Fhreagair esan gu robh e air an t-slighe ’Leodhas agus nach b’ fhada gus na faigheadh Mac Leoid comhail nach bitheadh e buidheach oirre. Rainig an laoch Leodhas agus ’nuair bha e fianuis tigh sheanair co thachair air ach a mhaighdean a rug am mac dha, agus i ri caoineadh. Dh’ fheoraich e dhith ciod bha cur oirre. Dh’ innis i dha gu robh Clann ’ic Leoid a tighinn an diugh a mharbhadh a mic. “Cait a’ bheil athair,” ars’ esan, “’s gu bheil e leigeal a leithid sin air adhart?” “Cha ’n ’eil dad a bheachd agamsa air athair,” ars’ ise, “ach gu robh iaradh ’san mhaoil aige.” “Tha sin agam fein” ars’ esan ’s e sgrogadh a churrachd. “Agus cha ’n fhaigh Clann ’ic Leoid do mhac an diugh.” ’Nuair rainig e an tigh anns an robh an leanabh dh’ fholaich se e fein air cul an tallain agus ’nuair thainig Clann Shean Thormoid a steach leig e na h-achanaichean a b’ eagalaich ’g radh: “Mac a tha stigh cha d’ theid a mach beo.” Ghabh Clann Shean Thormoid cor ’s eagal am beatha agus ’gheall iad gu ’n deanadh iad rud sam bith na leigeadh e am beatha leo. Rinn e so fo ’ghealtanas gu ’m bitheadh ’n athair, Sean Thormoid aca maireach fa chomhail an t-seipeal ann am Baile-na-Cille. Air an la-iar-na-maireach thainig Clann Shean Thormoid le’n athair, o’n bha fios aca gle mhath de dhéireadh dhoibh mur deanadh iad sin, agus shuidh iad air cnoc fa chomhair a chlaidh. Cha robh iad fada ’n so nuair chunnaic iad an duine toirteal sin a tighinn nuas am Machair Iarach, far an robh a chomhra fhuilteach eadar Fionn agus an Cuiteach ’nuair bha an Fheinn air chuairt ann a Leodhas, agus e ri spadadh a chinn o na h-uile sithean a thigeadh ’na rathad, a smuaineachadh, faodaidh e bhi, gur ann mar sud a dheanadh e air Clann ’ic Leoid. Bha an Sean Leodach gabhail ealadh ris so, agus thuirt e ri mhic: “Ma tha duine beo de Chlann ’ic Cumhail bh’ air an Chrip ’se sid fear dhiubh, ach ma ’se, ’nuair thig e thun na faolach sgrogaidh e ad agus leumaidh e an faodhail chasa-tiorma. Mar thuirt am bodach, b’ fhior. “Tha mo chreachsa deanta,” ars’ Sean Thormod agus e ri deanamh air an t-seipeal, ach ’nuair rainig e an dorus, se freagairt a fhuair e o’n dorsair: “Ge b’e do ’n tug thu do mhil samhraidh thoireadh e tigh geamhraidh dhuit;” agus mharbh Iain Ruadh e air a bhad sin. ’Nuair chunnaig Clann Shean Thormoid mar a thachair rinn iad air falbh, ach ma rinn, rinn Iain Ruadh nan deigh. Sgith agus mar bha e cha b’ fhada gus an d’ fhuair e faire air fear aca agus tharraing e ’bhogha. Mharbh e fear aca air an robh Raoghal, air a bhad ud, agus ’se Gleann Raoghail th’ air o’n uair sin. Chunnaic e ’n ath fhear dhiubh ann a gleann agus chuir e ’n t-saighead ann, agus se Gleann Thorcuill th’ air an aite o’n uair sin. Gu leibideach cha robh saighead tuille aige, ach dh’ fhalbh e ’na dheann dhearg ’n deigh an treas fir, a ghabh air an t-snamh roimhe do Phabaidh. Ghabh Iain Ruadh na dheigh agus rug e air. Thug e gur tir e agus mharbh se e air traigh th’ ann a Mhaltos, air am beil Traigh Allain mar ainm na dheighsan. Smuainich e nis, seach gu robh an t-sithean air a spar, gu robh e iomchaidh dha dol a Phabaidh a’ sgrios na bha ann. Thog e fein agus buidheann bheag eile orra null. Nuair chunnaic a chailleach mhor iad, bha dùil aice gu robh an luch fo spoig aice, agus is ann a dh’ fhiadhaich i gu biadh iad chum gu faigheadh i air an cumail gus ’n tigeadh cach, na beachd fhein. Chruinnich Iain Ruadh agus a chuid dhaoine a h-uile creutair beo bh’ ann am Pabaidh agus chuir iad leis na creagan iad. Nuair chunnaic a chailleach so bhuail i air eigheach— “A bhiasd, ged rinn thu orm na rinn thu, fàg Blairean Mor air son bainne do ’n bhodach.” Is beag bha dh’ fhios aice gu robh e sinte sa chille. Se freagairt a thug Iain Ruadh dith: “Tha faobhar a chlaidheamh ro mhath air do shon, ach cha bhi sinn cho cruaidh ort.” Rug e oirre agus ghearr e a cuid aodaich dhith mu bhraighe mhais agus leig e air falbh mar sin i. Cha robh duine a nis beo ’Chlann Shean Thormoid, ach chual Iain gu robh tailear a bhuineadh dhaibh an Steornabhagh, agus rinn Iain air falbh chum gu faigheadh e greim air. Chual an taillear gu robh e tighinn, agus ’nuair thainig Iain cho dlu air agus nach robh dol as aige, ghabh Iain timchioll ceann a bhaigh agus choinnich se e air taobh eile an locha agus chroch e an taillear bochd air Cnoc na Croich. Thill Iain Ruadh dhachaidh agus bha an uachdaranachd aige fhein fhad ’s bu bheò e.—Highland News. Mar a chaitheas duine a bheatha, bheir e breith air a cnoimhearsnach. [TD 404] [Vol. 9. No. 52. p. 4] Mac-Talla. Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain. A PHRIS. Bliadhna, $1.00 Sia Miosan, .50 Tri Miosan, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS MAC-TALLA, Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, IUN 23, 1901. Tha sinn a’ leughadh o àm gu àm mu airgead a bhi ’ga chur air adhart do Ottawa le daoine rinn eucoir uair no uair-eigin air luchd-na-cusbuinn. Tha iad a deanamh sin airson faothachadh a thoirt d’ an cogais, a tha ’gan sior-dhìteadh, agus ’s e “airgead-cogais” a theirear ris an airgead sin. Tha cuid de na suimeannan a tha air an cur air adhart suas anns na mìltean dolair, agus chuir aon duine glan-onorach air adhart aon sent, a chìs bu chòir dha phàigheadh air peansail a cheannaich e anns na Stàidean, agus nach do sheall e do fhear na cusbuinn nuair a bha e tigh’nn thar na crìche. Tha a bhi leughadh nam fiosan so ag ùrachadh ’sa neartachadh ar creideamh anns a’ chinne-daonna. Bidh sinn o so a mach a feuchainn ri bhi beò anns an dòchas gu ’m buail an t-aithreachas iadsan nach ’eil a’ paigheadh MHIC-TALLA, agus gu ’m faod an t-airgead a bu chòir a bhi againn roimhe so ar ruigheachd “an deigh mhoran làithean” an riochd airgead-cogais. Tha e gle choltach nach teid moran mhios seachad gus am bi aig muinntir Nobha Scotia ri pàrlamaid ùr a thaghadh. Tha iomadh comharra ri fhaicinn, agus nam measg uile cha ’n eil aon is cinntiche nochdas ciod a tha tighinn na mar a tha na paipearan-naigheachd taobh air thaobh a’ cur am beachdan an céill—paipearan an darra taoibh ag innse cho math ’s cho ro-mhath ’sa tha riaghladh Mhoraidh, agus cho mi-chiatach ’sa bhitheadh e a chur á dreuchd; agus paipearan an taoibh eile a’ cur an céill cho math ’sa tha an daoine féin, cho olc ’sa tha an dùthaich aig an àm air a suidheachadh, agus cho iomchuidh ’sa bhitheadh e daoine chur a stigh anns am biodh firinn us onair, agus a chuireadh a cùisean air adhart le gliocas agus le ceartas. Bu mhath an gnothuch nam biodh na paipearan agus iadsan air son am bi iad a tagradh aig a leithid so de dh’ àm, ag innse na firinn agus na firinn a mhàin. Tha iad anns an dòigh so fad air thoiseach air mar a bha iad fichead no da fhichead bliadhna air ais; ach cha ’n eil duine ceart sam bith nach aidich gu bheil iad feumach air tuilleadh adhartais, agus mar is luaithe thig an t-adhartas sin orra gur ann is fhearr. Tha Righ Iomhar, on thainig e dh’ ionnsuidh a’ chrùin, a’ nochdadh gliocais ann a bhi cur roimhe anns gàch cùis leantuinn air an t-slighe air an do dh’ imich a mhathair roimhe, no a reir mar a chomhairlich i dha nuair bu bheò i. An so tha e toirt deagh eisimpleir do iomadh òganach mor-as-fhéin a tha feuchainn ri ghliocas a nochdadh air dòigh a tha calg-dhireach an aghaidh sin. Is iomadh spalpaire beag, a tha fhathast gun bhlasad air aran a chosnaidh fhéin, a bhiodh air a thàmailteachadh gu dona na ’n saoileadh daoine gu robh e ann an tomhas beag no mor air chomhairle “na caillich” no “a’ bhodaich”—mar a dh’ainmicheas e, gu mi-mhodhail, a mhàthair is athair. THA an t-Ard-riaghladh an deigh Comhnardan Abrahaim a cheannach, agus tha iad ri bhi air an cur fo chùram baile Chuebec. Is ann air na Comhnardan so a chuireadh am blàr a choisinn a’ chuid mu dheireadh de cheann a tuath America do na Breatunnaich. B’e am blàr mu dheireadh a’ chuireadh ann an America eadar Breatunn agus an Fhraing; bha na ceannardan air gach taobh, Wolfe agus Montcalm, air am marbhadh ann, agus tha an dearbh àite anns an do thuit gach fear dhiubh air a chomharrachadh a mach gus an latha ’n diugh air Comhnardan Abrahaim. Bha e ceart gu leòr do ’n àrd-riaghladh ceithir fichead mile dolair a phàigheadh air son àite tha cho iomraiteach ann an eachdraidh na dùthcha. Tha aon àit eile ann an Canada air am bu chòir do ’n riaghladh seilbh fhaotainn fhad ’sa ghabhas sin deanamh. ’Se an t-àite sin Louisbourg. B’ e am baile sin a bhi na dhaighneachd cho làidir a rinn e comasach do ’n Fhraing greim a chumail air Canada cho fada ’sa rinn i, agus b’e a ghlacadh anns a’ bhliadhna 1758 a rinn e comasach do na Breatunnaich Cuebec a ghlacadh bliadhna ’n deigh sin. Bu chòir, air an aobhar sin, làrach seana bhaile Louisbourg a bhi air a chumail gu cùramach mar chuimhneachan air aon de na gniomharan mora a choisinn dhuinn ar n-Impireachd. Bha coinneamh aig Conservatives na siorrachd anns a bhaile Di-màirt. Bha Cailean Mac-Fhionghain agus Eanruic Domhnullach air an ainmeachadh gu ruith air son pàrlamaid na roinne aig an ath thaghadh. Cha robh an dithis so toileach ruith, agus air an aobhar sin chuireadh seachad an t-ainmeachadh gus an deigh a’ chruinneachaidh a tha gu bhi aig a phàirtidh an ùine ghoirid ann a Halifacs. Cha ’n eil am bàrr cruithneachd gu bhi cho math anns an Fhraing air an fhoghar sa tighinn ’sa b’ àbhaist dha bhi bliadhnaichean roimhe so. Bidh bàrr na dùthcha air fad mu dha fhichead millean buiseal goirid air bàrr na bliadhna ’n uiridh. Cha ’n eil fhios nach dean so cuideachadh le tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar Thuath, aig am bi, a reir gach coltais, bàrr cho math ’sa bh’ aca o chionn àireamh bhliadhnaichean. LUACH ANABARRACH. Cot-Uachdair air $5.25. Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh. COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE. $5.75, $7.50, $8.00, $12.00 F. H. REYNOLDS, AN STOR—Matheson, Townsend & Co. air Sraid Shearlot. Confederation Life ASSOCIATION. Eachdraidh 29 Bliadhna GU IANUARAIDH 1, 1901. Urrasachadh an greim $32,332,908.00 Teachd-a-stigh 1,392,870.43 Earras 7,799,983.89 Airgead air laimh 505,546.25 Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1,505,546.25 F. W. GREEN, Halifax, Manager anns na Roinnean Iochdrach. Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn: IAIN MAC NEILL, Sidni. A. W. WOODILL, Sidni. J. W. EDWARDS, Glace Bay. THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED. A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR. THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR Sraid Shearlot, Sidni. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.” Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad, ceannaich bho F. FALCONER & SON Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic. F. Falconer & Son. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. [TD 405] [Vol. 9. No. 52. p. 5] Naigheachdan. Chaidh muileann-sàbhaidh ’na teine ann am Bathurst, N. B., toiseach na seachdain ’sa chaidh. B’ fhiach a mhuileann ’s am fiodh a chaidh a losgadh mu thri fichead mile dolair. Tha aon dhiubhsan a tha ’togail an rathaid-iaruinn ann an siorrachd Inbhirnis ag radh nach fhada gus am bi ceithir mèinnean guail air am fosgladh ann am Broad Cove. Bidh an gual air a ghiulan gu Port Hastings, far am bi laimhrig mhor air a togail aig am bi e air a chur air na soithichean. Tha càs a Chuimeinich—an càs a bha air fheuchainn ’san earrach aig cùirt fir-ceartais ann an Sidni—a nis aig a’ chùirt mhoir, agus bidh fhios co-dhiù tha e ciontach no neo-chiontach an ceann latha no dha. Bha an càs a bha air fheuchainn ann an Sidni Tuath, ’sa bha air a chur a dh’ ionnsuidh na cùirte moire, air a thilgeadh a mach leis a’ ghrand jury. Bha droch theine ann am Bridgeport oidhche Di-sathairne s’a chaidh. Thòisich e anns an stòr aig Moireasdan & Mac-Cormaic, tàillearan. Sgaoil e gu bras, agus bha an stòr, ’s an tigh a bha ri taobh—an tigh aig I. L. Mac-Gilleain—agus am priosan, a bha astar beag uapa, air an losgadh gu làr. Cha ’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Tha an call air a mheas aig tri mìle dolair. O thoiseach Iulaidh, an uiridh, gu deireadh Aprail, am bliadhna, bha luach $17,530,556 de dh’ òr air a chur air falbh á Canada. Chaidh a’ mhor chuid de sin do na Stàidean. Anns na deich miosan ceudna bha luach beagan thairis air ceithir millean dolair de ghual bog air a chur air falbh as an dùthaich, agus bha luach faisg air ceithir millean dolair de ghual cruaidh air a thoirt innte. Bha air a chur air falbh de luaidhe ’san ùine sin, fiach $2,123,766; de nickel, $859,720; de chopar, $2,046,258; agus de dh’ airgead, $5,032,889. Chuir an t-arm Breatunnach aireamh shaighdearan dhachaidh o chionn ghoirid—saighdearan a bha nan luchd-faire air na campaichean agus a thuit nan cadal, mar so a cur beatha an airm gu leir ann an cunnart mor. Fhuair iad so bho thri gu deich bliadhna anns a phriosan. Dh’ fhaodteadh, a reir an lagha, peilear a chur annta, ach o’n a bu chogadh so a bha gle chruaidh air na daoine bochda, agus iad air an claoidh gu mor leis gach cruadal—teas an latha agus fuachd na h-oidhche—chunnaic ceannardan an airm freagarrach an leigeil as le ’m beatha. Tha muinntir Ghlace Bay, an àite soillseachadh nan sràidean a thoirt do chuideachd, mar a tha iad a deanamh ann am bailtean eile, a’ dol a ghabhail airgeid an iasad air son innealan electric a cheannach leis an deanar sin air an cosd féin. Agus cha ’n eil teagamh, ma nithear an gnothuch obrachadh gu cùramach, nach caomhainn iad airgead le sin a dheanamh. Tha iad anns an ni so a leantuinn an ceumannan sluaigh baile-mor Ghlasacho, aig am bheil soillseachadh am baile féin, carbadan na sràide, agus goireasan eile dhe ’n t-seòrsa sin, ’nan làmhan o chionn iomadh bliadhna, agus sin le buanachd mhor dhaibh féin. Tha Glasacho, gun teagamh; air aon de na bailtean mora a’s fhearr riaghladh a tha air an t-saoghal. Tha sinn an dòchas gum bi an ceart ni fior mu bhaile beag Ghlace Bay. Tha a’ chùirt mhor ’na suidhe air an t-seachdain so. Tha uiread, mur eil barrachd, chàsan air a beulaobh ’sa bha aig aon àm riamh roimhe, agus cha ’n eil e idir coltach gu ’n urrainnear crioch a chur orr’ uile, mur suidh a’ chùirt na ’s fhaide na ’s àbhaist. Tha na mathain a’ deanamh call mor am measg nan caorach an ceann a tuath an eilein so. Tha iad air fàs cho dalma ’s gu bheil iad a toirt as deigh nan caorach air a’ mheadhon-latha. Bu chòir ionnsuidh a thoirt air cur as do na beothaichean béisteal so, oir cha ’n eil bliadhna dol seachad gun iad a dheanamh call mor am measg nan treud. Tha fosgladh an rathaid-iaruinn agus na meinne guail an deigh dusgadh mor a dheanamh air baile beag Phort Hood, ceanna-bhaile siorrachd Inbhirnis. Tha a’ mhèinn air a h-obrachadh gu bras, agus àireamh mhor dhaoine ’gan cosnadh innte. Tha taighean agus stòraichean ùra ’gan togail, agus tha coltas beothachaidh air a bhaile nach robh air o chionn iomadh bliadhna. Leth-cheud bliadhna air ais dh’fhàg fear Mathanach a dhachaidh ann an St. Ann’s, agus cha chualas guth no iomradh air anns an ùine sin. O chionn da bhliadhna chaidh brathair dha do ’n Chlondaic. Choinnich e air gill’ òg, leth-Innseanach, anns an duthaich sin agus bhruidhinn e ris a ghille ann an Gàilig. Thuirt an gille ris na ’n tigeadh e gu taigh athar comhla ris gu ’m bruidhneadh athair Gailig gu leor. Chaidh e comhla ris a ghille agus fhuair e mach gum b’ e fear an taighe a bhrathair,—a cheud shealladh a chunnaic fear seach fear dhiubh dhe cheile ann an leth-cheud bliadhna. Tha na Gàidheil Earraghaidhealach o chionn da sheachdain ag ionnsachadh cleasachd airm aig Abhainn Bhaddeck, far an abhàist daibh a bhith mu ’n àm so gach bliadhna. Bidh iad a’ fàgail a’ champa am màireach. Ged a tha a’ bhuidheann so air a cur air leth mar réiseamaid Ghàidhealach, agus ged is Gàidheil gu ire bhig gach duine dhe na th’innte cha’n eil iad air an comharrachadh o na reiseamaidean Gallda le suaicheantas sam bith ach bonaid ghorm Ghlinngaraidh. Bu chòir do mhuinntir Cheap Breatunn feuchainn ri airgead a chur cruinn air son an éideachadh gu h-iomlan anns an deise Ghàidhealaich; na ’n deante sin tha sinn a creidsinn gu ’m biodh an 94mh air aon de ’na buidhnean a b’ fhearr a bhiodh an Canada. Bha Talla nan Daoin’ Oga cho làn ’sa chumadh i oidhche Di-luain, agus bha gach aon a bha làthair làn riaraichte dol dhachaidh. Tha Miss Ami Mhoraidh na bàn-òranaiche bhinn, agus tha na h-eachdraidhean ’s na sgeulachdan beaga bhios i ’g innse mu na h-òrain a bhios i a’ seinn, fior thaitneach. B’ òrain Albannach a sheinn i uile, agus b’ òrain Ghàilig a dha dhiubh—“A chuthag,” agus “Gun chrodh, gun aighean.” Cha ’n eil i fhathast ach ag ionnsachadh na Gàilig, agus air na h-òrain a sheinneas i ’sa chainnt sin gheibhear beagan de bhlas na Beurla, ach ’se fior bheagan; agus mur eil sinn am mearachd, thug an dà òran a dh’ ainmicheadh uiread toileachaidh do ’n chuideachd a bha cruinn ri dà òran sam bith eile sheinn i. Oidhche Di-màirt bha Miss Mhoraidh ann an Glace Bay, far an do choinnich tigh làn eil’ i. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil i an dùil cuairt eile thoirt an taobh so air an ath shamhradh. Cha ’n eil sinn cruaidh ort! Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas: Larigans olla-chairte air $1.10—bha iad roimhe so $1.75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1.15—tha ceannaichean eile faotainn $1.75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3.00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn. H. H. Sutherland & Co. Bathar Cruaidh Tha sinn a’ cumail gach seorsa BATHAR CRUAIDH SOITHEACH-COCAIREACHD PAINT agus OLLA UIDHEAM SAOIRSNEACHD Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle. SYDNEY HARDWARE Co., Telephone 228. Feb. 20, ’01-1yr Sydney Hotel Block. Kelly & Dodge, Dealbhadairean. Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut. Uaireadairean Waltham agus Elgin AIR $7.50 agus $10.00. Seorsachan eile air $1.75, $4.00, $5.00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile. K. Bezanson, Sraid Shearlot, Sidni. Stor Sheudan us Ghloineachan Sula. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co., Amherst, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 406] [Vol. 9. No. 52. p. 6] Turus do Norway. LE A. CAMARAN, SLEIBHTE ’SAN EILEAN SGIATHANACH. EARRANN II. Anns an aireamh mu dheireadh thubhairt mi gu’m feuchainn ri beagan tuilleadh innseadh mu chleachdaidhean agus mu dhoigh-beatha an t-sluaigh. Ann a bhi deanamh sin ’s eudar dhomh bhur cuir a’n cuimhne gur e ùine gle ghoirid a bha mise anns an dùthaich, agus nach faca mi ach gle bheag de’n t-sluagh agus de’n cleachdaidhean. Gidheadh, an neach a chumas a shuilean agus a chluasan fosgailte ann an tir aineolach, ’s iongantach na dh’ fhaotas e fhoghlum eadhon an ùine ghoirid. Co dhiubh a tha no nach eil móran de mhaithean na duthchadh a còmhnuidh anns na h-àitean far an do thaghail sinne cha’n fhaca sinn iad. Uiread sa chunnaic sinne ’s ann de’n cheathairne, no de shluagh cumanta na dùthchadh a bha iad. Agus do’n taobh sin chuir e mòr iongantas orm cho coltach ’s bha iad ’n am pearsa, ’n an éideadh, ’n an doigh-bruidhne, agus ann an caochladh dhoighean eile ri Gàidheil àird’ an Iar-Thuath na h-Alba, agus gu sonruichte ri daoine an Eilein so fhein. Shuidh mi am measg cothional diubh, ann an aon de na h-eaglaisean aca air la Sàbaid, agus bho choslas nan daoine mu ’n cuairt orm, dh’ fhaotainn gu furasd mi fhein a smaointeachadh aig coinneamh ann an Tigh-sgoil Aird Shléibhte! Tha eachdraidh ag innseadh gun robh muinntir Nòrway agus Denmark,—na Lochlainnich mar a theirte’ riutha,—a riaghladh thairis air tìr-mòr, agus gu sonruichte air Eileanan na h-airde an Iar-Thuath so againne airson 400 bliadhna. Dh’fhàg iad ’nan déigh iomadh comharradh air a ghreim ladair a bh’ aca air na dùthchanna so. Tha nis bho 800 gu 1000 bliadhna bho dh’ fhalbh na Lochlannaich, ach gus an làtha ’n diugh ’s iad na h-ainmean a thug iadsan air mòran àitean anns na h-Eileanan so a tha orra. Is iad ainmean Lochlannach a tha ann an “Sléibhte,” “Na Gilean,” “Tarscabhaig,” “Tòcabhaig,” “Caol-Thaacain,”— (’s e sin an Caol far an robh slabhruidh bho thaobh gu taobh aig Hàcon righ Lochlann gu càin a thogail de na luingeis a ghabhadh seachad)-“Hùsabost,” “Grìsornish,” “Hamera,” “Mongastad,” etc. Nis, na daoine a dh’fhàg na h-ainmean sin nan déigh, dh’fhàg iad mar an ceudna gu cinnteach mòran de’n sliochd as an déigh. Nach faodadh e gu maith a bhi uime sin, gur e sin is aobhar do ’n fhior-choslas a tha eadar sluagh Norway an diugh agus mòran de luchd-àiteachaidh nan dùthchannan so? Tha an fhior-choslas so ri fhaicinn mar an ceudna ann an ainmean an t-sluaigh. Chunnaic sinn so aig àite do’n ainm Visnaes far an deachaidh sinn air tìr aon la. Ann a bhi gluasad sios ’us suas, agus a bruidhinn ris na daoine, fhuair sinn a Bheurla aig neach an sud ’s an so, agus facail Bheurla aig mòran diubh. Bhitheamaid a bruidhinn ri clann sam bith a thachradh òirnn air an rathaid, agus a faighneachd an ainmean diubh. Bha aon ghille beag a chunnaic sinn agus soitheach aige làn do dhearcan coltach ri smeuran dubha, ’us e gan ithe. Bha aodann air a “phlastereadh,” ’us air a dhathadh, bho chluas gu cluas le sùgh nan dearc, gus an robh e cho dubh riutha fhein! Thug sinn air a thuigsinn gu’m bu mhath leinn fios fhaotainn c’ ainm a bh’ air. “Iohann,” ars’ esan. B’ e so “Iain!” Chunnaic sinn gillean beag eile air an robh na h-ainmean “Peadair,” “Màrtainn,” “Carl,” (“Tearlach”), “Haco,” “Aindreas” (“Andrew”); agus nighean an do’m b’ainmean “Agnes,” “Marta,” “Anna,” “Màiri,” agus “Ingebord.” Do thaobh an fhearainn, ’s e an Crùn is uachdaran anns a chuìd mhòr de’n dùthaich. Tha an tuathanach a pàigheadh màl do’n Chrùn, dìreach mar a phàighear càin agus cisean eile. Co dhiubh a tha no nach eil sin a chum barrachd feum do’n t-sluagh na am fearann a bhi aig uachdarain mar anns an rioghachd so, cha b’urrainn domhsa a dheanamh a mach. Ach ’s e gle bheag de dh’fhìor fhearann math àitich a th’ann uile. Bho nàdar na dùthchadh,—le beanntan árda, cas; le glinn chumhann, fhada; agus le lochan mòr de’n mhuir a gearradh suas troimh an tir,—cha ’n urrainn doibh mòran de thalamh-àitich a dheanamh ann. Gidheadh chunnaic sinn beagan de thalamh-àitich a bha coimhead gle mhaith, araon an cois na mara, agus anns na srathan a bu mhò troimh an deachaidh sinn. Ach de na chunnaic sinn de dh’fhearann air àiteach, no freagarrach airson àiteach, bha gann a leth air a threabhadh agus fo bhárr gorm no geal. Bha an earrann a bu mhò dheth fo fheur nàdurrach. A reir coslais ’s ann ri feur, na’s mo na ri arbhair, a tha iad ag earbsadh airson biadh spréidhe. Chunnaic sinn an sud ’s an so spotan de choirc ’s de eorna, ’s de bhuntata, ach ’s mo gu mòr a chunnaic sinn anns gach àite de dh’ fheur nàdurrach. Bha pìosan anns nach robh ach beagan shlatan, ’measg chreagan ’us chlachan, agus pìosan eile na bu mho, suas gu mòran acraichean, a bha, a reir coslais, fo fheur bho bhliadhna gu bliadhna. Bho ’n is ann aig àm buain ’us ghabhail an fheoir a bha sinn anns an dùthaich, chunnaic sinn an doigh anns am bheil sin air a dheanamh. Tha iad ga bhuain le spealan beaga, caol, anns nach eil ach mu leth an fhaide a tha anns na spealan againne; agus uime sin cha ’n urrainn an spealadair spadhadh cho mòr a deanamh is a nithear ann an so. Air na pìosan fearainn a tha fo fheur tha seorsa callaid (no fence) air a chuir suas, agus air fhàgail na sheasamh bho bhliadhna gu bliadhna. Anns a chuid as trice tha na callaidean so air an deanamh de chabair caola, direach; ach chunnaic mi feadhainn air an deanamh de shreang- REIC A MACH AIRGEID. THA AM Maritime Premium Co., a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail: DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA. Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach. Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte. Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair. Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan. Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain. THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd. Sraid Shearlot, Sidni, C. B. G. K. Cochran, Mgr. Stor Ur! Bathar Ur! Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn. Pattillo. Stor Leabhraichean us Bathair Grinn So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son UIDHEAMAN TUATHANACHAIS Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd MASSEY-HARRIS na h-uidheaman a’s fhearr. Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each. Mar an ceudna— BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD. F. & J. MORLEY. Agents. Togalach Mhorley, Sidni, C. B. [TD 407] [Vol. 9. No. 52. p. 7] an laìdir, sinte gu teann eadar puist fhiodha, agus feadhainn de wire. Tha bho dhà no tri de shlatan, suas gu ceud slat de dh’ fhad anns na fences so, a reir meud a phìos fearainn air am bheil iad. Co luath ’s a bhuainear am feur, tha an luchd-oibre ga sparradh, ’s ga chàradh anns na fences so. Tha iad a tòiseachadh, gu h-iosal, agus gan lionadh suas eadar na cabair tarsuinn,—(no na sreangan, no na wires tarsuinn)—gu ruige am mullach, a tha mu àirde duine, gus mu dheireadh nach faicear na cleithean idir, ach mar gum bitheadh dìg reamhar fheoir. Tha am feur gu math fada, agus mar sin tha e fuireach air na cleithean; tha a ghaoth a dol air fheadh, agus tha e deanamh tubhadh dha fhein bho ’n uisge, gus am bheil e ullamh gu a chuir a stigh. Tha am feur mar so a gleidheadh a dhath, ’fhàile, agus a shùgh, mòran na ’s fearr na tha e anns na prapagan, agus na tudanan a bhitheas sinn a deanamh dheth aig an tigh. Tha crodh, ’us caoraich, ’us gabhair gu leoir aca, ach tha mi duilich nach faca sinne ach gle bheag dhiubh sin. Tha an crodh air an cuir air àiridhean gus na monaidhean àrda fad an t-samhraidh, agus tha mòran de mhuinntir nam bailtean gam buachailleachd an sin, dìreach mar a b’ àbhaist doibh a bhi deanamh uair eigin air a Ghaidhealtachd. Mar so thachair e nach fhaca sinne ach aon iomain de chrodh, ann an gleann troimh an deachaidh sinn. Bha iad so nam beathaichean gle bhoidheach r’ am faicinn. Bha dath breac orra,—dubh ’us geal, agus dearg ’us geal. Cha robh iad ro throm, ach eutrom, beothail, agus coltas ro chruadalach orra. Cha robh e soirbh r’ a thuigsinn ciamar a dhìricheadh feudail sam bith ach na gabhair fhein na beanntan arda creagach ud gu fàsach. Chuir mi fhein a cheist sin air daoine a thachair orm, agus sheall iad dhomh bealaichean agus cadhachan sonruichte troimh am bitheadh iad a cuir suas an crodh. Tha doigh gle innleachdach aca gu bhi cumhnadh saothair ann a bhi toirt an t-annlann sios bho mhullach nam beann, agus ann a bhi cur iomadh ni sios agus suas gus an fheadhainn a tha air na h-àiridhean. Eadar àit’ eigin ann an taobh aon de na beanntan as àirde agus as caise, aig am bheil an àiridh faisg air a mhullach, agus craobh làidir anns a chomhnard gu h-iosal a mach pios bho bhonn na beinne, tha iad a sìneadh wire làidir. Air a wire so tha iad a crochadh cumain bainne, no ni sam bith eile a bu mhath leo a chuir sios na suas. Tha cuibhle aca aig a mhullach leis an cuibhlear suas an t-sreang a tha an ceangal ris an rud a tha an crochadh air a wire. Chunnaic mi aon no dhà de na h-uidheaman so, agus soithichean bainne ’us rudan eile a tighinn a nuas orra. Mheas mi gun robh bho leth-mhìle gu mile de dh’ fhad eadar dà cheann a wire. Tha na tighean anns am bheil an sluagh a gabhail comhnuidh uile air an deanamh de fhiodh. Tha cuid diubh nan deagh thighean,—air an togail agus air an cuir ri cheile gu snasmhor, làidir. Ach tha mòran diubh nach eil math idir, agus anns am bheil am fiodh air dol a dholaidh, agus air dol as a cheile. Chuir e gu dearbh iongantas nach bu bheag oirnn gu ’m b’ urrainn daoine a bhi fuireach annta ann an dùthaich cho fuar ri Norway. Agus eadhon na tighean a b’fhearr anns an robh sinn, ’s eudar gu ’m bheil iad,—no co dhiubh gu ’m fairicheadh sinn iad,—gle fhuar ri sneachd ’us reothadh. Bha sinn air tìr aon la Sàbaid an àite do ’n ainm Merok, agus chaidh sinn maille ri comhlan de ar luchd-co-thuruis gus an Eaglais bheag Lochlunnach a bha an sin. B’ e Sàbaid a Chomanachaidh aca a bh’ann. Agus bho ’n a b’e Sàbaid a Chomanachaidh againn fhein ann an Sléibhte a bh’ann mar an ceudna, ged a bha mi ’n am shuidhe ann an Eaglais Mherok, bha mo smuaintean gle thric anns a Chìll-mhòir! (Ri leantuinn). Iadsan a Phaigh. Tormad Mac Asguill, Framboise. Niall Mac Guaire, St. Rose. Colla Domhnullach, Sidni. Padruig S. Mac Neill, Sidni. Micheal M. Mac Neill, Sidni. R. R. Domhnullach, Washabuckt. R. I. Mac Neacail, Acarsaid Bharrachois. M. R. Johnston, am Pon Mor. Eoghan Gillios, Bràighe Mhargaree. Eoghan Mac-a-Bhiocair, an Gleann Mor. Uilleam Burc, Mabou Bheag. Uilleam Mac Pheitiris, Forks Shidni. An t-Urr. C. C. Mac-an-Toisich, Reserve Bean Iain Mhic Dhiarmaid, Stirling. Aonghas Buchanan, Reserve Mines. M. R. Mac-Neill, Benacadie Pond. E.Mac Neacail, Cul Cobh a Bheabheir. I. McThearlach, an Abhainn Mheadhanach. An t-Urr. I. D. Mac Leoid, New Glasgow. A. Mac Eachairn, Brown’s Mountain, N.S. Eoghan Mac Gilleain, Eilean Phictou. Iain R. Shiosal, Meinn Acadia. Coinneach M. Mac-a-Ghobha, Nepigon, Ont Iain Mathanach, Armow, Nepigon, Ont Cailean Siseal, Baile Dawson, N. W. T. Iain L. Brower, New York. Domhnull Mac Mhuirich, New York. Domhull Mac Leoid, Detroit, Mich. Eachunn Mac Gillean, Glasacho, Alba. Fearchar Mac Rath, Rudha-sgarabhaig Alba. Iain Domhnullach, Cnoc nan Torran, Alba. Alasdair Beutan, Inbhirnis, Alba. Leabhraichean Gailig. Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0.50 Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60 Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75 Orain Uilleim Rois .45 Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45 Laoidhean Phadruig Ghrannd .45 Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10 Laoidhean Dhughaill Buchanain .10 Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80 Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25 Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10 Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75 Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75 How to Read Gaelic, by John White .30 Costumes of the Clans of the Scottish Highlands,by R. R. McIan,(colored plates) 2.25 The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian. (colored plates) 2.25 The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2.25 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh PUBLISHERS “MAC-TALLA,” Sydney, Cape Breton, Canada. C. P. MOORE, BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. SIDNI, - - - C. B. The Scottish Clans and their Tartans. IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gaeh “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu ALEXANDER BAIN, Port Hawkesbury, Cape Breton. [Dealbh] Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. BEUTAN, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an Telephone No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Feb. 8, ’01. Bathar Cruaidh Tuaghannan Saibh Locraichean Glasan Tairnean Sgianan, etc Aonghas Mac Leoid Paipear-balla Paint Olla Putty Varnish Gloine Etc., etc. Shaw & Beairsto, Luaidh-Cheardan, &c. Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd. SHAW & BEAIRSTO. Phone 217 Sidni, C. B. Feb 7 ’01—1 yr Amy Mhoraidh. FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH. (BEURLA AGUS GAILIG.) Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach. MAIGH-IUN, 1901. GEO. W. COLBY, Manager, 10 E. 14th St., New York. MACEACHUINN & MACCABE, FIR-LAGHA. Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c., &c. A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE. HEARN & MACDONALD, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. D. A. HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH. ROS & ROS, FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c. Airgead ri thoirt seachad an iasad. SIDNI, - - - C. B. UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A. H. A. JONES, M. D., C. M., LIGHICHE, OIFIS:—Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - C. B. DR. CUNNINGHAM, LEIGH-FHIACAL. Mu choinneamh stor Prowse Bros. & Crowell. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D., OIFIS:—An Togalach McVey. A CHOMHNUIDH:—An tigh C. W. Hill. SIDNI, - - - C. B. DR. G. T. MACGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIS:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - C. B. J. E. BURCHELL, URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - - C. B. C. R. BOWN, URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE. SIDNI, - - - C. B. C. V. WETMORE, URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - - C. B. L. L. GULLIVAN, CEANNAICHE FEARAINN. FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI. AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH Victoria Block, So. Charlotte St., SIDNI. - - - C. B. FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. C. H. WOODILL. F. O. PETTERSON, Ceannaiche Taillear. Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt, SIDNI, - - - C. B. NIALL MacFHEARGHAIS, Ceannaiche Taillear. Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire. SIDNI, - - - C. B. [TD 408] [Vol. 9. No. 52. p. 8] Buaidh Leis na Seoid. LE ALASDAIR MAC GRIOGAIR. Faigheadh cliù o gach rann-fhear, gu ceolmhor’s gu binn, An Dubh-Fhreiceadan Gàidhealach a dh’ àraich na glinn— Cuimir, fuasgailteach, fìnealta, slàinteil ’s a’ chom, Fearail, ceannsgalach, cruadalach, treun, agus trom. ’S gu robh buaidh leis na seòid ghuineach, gharg agus bheò, Chaidh do bhuillsgein nam Frangach, mar ghaoith ’dol ’s a’ cheò; A’s nach d’ fheuch fathast cùl do neach riamh nach robh leò, Oir cha striochd sliochd nan garbh-chrioch, a’s annta an deò! ’S gu robh buaidh leis na seòid. ’S maith thig breacan-an-fhéilidh gu léir do na suinn— Osain ghearr air an calpannaibh dòmhail, geal, cruinn; A’s iteagan dorch’ air slios gorm-uidheam cheann; Sud i éideadh nam blàr, ’s cha bi ’n té fhada, theann, ’S gu robh buaidh, &c. ’S ceart a labhras iad cànain na h-Alba o chian, Mar a bha i aig Fionn a’s aig Oisian gu dian; Cha do ghluais chum na tuasaid, ’s a chaoidh iad cha ghluais, Gun am bolg-fheadain mheur-thollach, fhuaimneach ’n an cluais. Cha tearc gàbhadh a’s àit as an d’ thàinig le buaidh Gaisgich chalma na còmhraig, ’s nan dlùth-bhuillean cruaidh; Roimh gach diomhanas, sògh, aighear, ’s aoibhneas a thagh, A bhi ’dionadh an saorsa, an dùthcha, ’s an lagh’! ’S iomadh deuchainn a fhuiar na fir àrdanach, bhras, Bho ’n nach géilleadh dhiubh làmh, ’s o’n nach tionndadh dhiubh cas, Bho ’n nach fheudadh gu ’n caochaileadh an dualchas na ’n cleachd, Leis an d’ fhàgadh gun samhladh an sinnsir ’s a’ ghleachd. Mar a bhlàth-mhadainn shamhraidh, iad ciùin ann an sìth, Ach mar gheamhradh nam beann aca, searbh ann an strìth; Sgaiteach, gruamach, a’ luaithreadh nan naimhdean le feirg, ’G an cas-ruagadh ’s ’g an sguabadh a araichibh dearg! Cha ’n ’eil ùine ni ’s mò a’ ruith dhasan nach géill; Bidh, mar dhearbhadh, corp marbh, gu ’m bu ghann e do chéill; Seachnadh ’n tì leis nach fearr guin an éig, na bhi slàn, Casadh riusan a suas, ’tha cho millteach a’s dàn! Mar is gairge an nàmh, mar is cruaidhe an cath, ’S ann is àirde ’n sin inntinn luchd-thrusgan nan dath; Tha ’s an dòruinn a’ fàs anam mor dhoibh air fad, Leis an reub, leis am mill, ’s leis an claoidh iad gun stad. ’S i so ’n fhìrinn gu dearbh, air gach seòl agus dòigh, ’S ga co’-dhaingneach’ gu dìlinn, bidh là Fontenoi; Sud an là a thug ainm dhoibh air tùs anns an fheachd, Bha an arm uile-dhìleas do ’n Righ ’s do gach reachd. Och! chaidh ’n sàruch’ ’s an leonadh; bha ’n ceud charraid teth, Oir aig Ticonderoga, gu ’n chaill iad an leth; Na sheas, bhuadhnaich le còmhnadh na dh’ aom gu ro ghrinn; Rinn a’ chomhsti ud Rioghail iad, ’nuas feadh gach linn! Rinneadh gniomharan leò anns gach tìr chum an deach’, Bhios ’n an ioghnadh ’s nam miorbhuil’ gu bràth do gach neach; Cha leig air dearmad an saoghal, an treuntas gu sìor, ’M feadh bhios spéis agus mor-mheas do shaighdeireachd fhìor! Ach co cheòlraidh no ’n teangair is oirdheirce th’ ann, ’S urrainn innseadh mar ’bhuadhaich ’s an Eiphit a’ chlann! Luaidh neo-ghann, gathan-lann, sleaghan-chrann, chaidh gu luath, ’M fir do-cheannsach’ do chàch, o na h-àrmuinn o Thuath! As na gàirdeanaibh lùth-chleasach, féitheach, ghrad leum Goimh a’s bàs a chuir miltean o chainnt a’s o fheum! Ghabh na laoghaich ’s an àm mireadh ’n searbh-chath a’s conn, ’Dol troimh dhùintean a’s àr-chlosach naimhdean le fonn! ’S glan a dh’ éirich am buaireas air còmhlan an àigh, Oir le léir-sgrios chaidh Frangaich a bhualadh gun bhàigh! Thuit gach aon air an làr dhiubh, ’n a shèimh-chadal buan, ’S thug na Gàidh’l leò an sròl aca nall thar a’ chuan! Mar so buaidh leis na seòid ghuineach, gharg agus bheò, ’Theid do bhuillsgein nam Frangach, mar ghaoith ’dol ’s a’ cheò; ’S nior fheuch iad an cùlthaobh do ’n dream nach bi leò, O, nior striochd iad gu siorruidh, a’s annta an deò! ’S gu robh buaidh leis na seòid. An t-Oighre Og. SEISD— Hó hì ’s na hì iù o, Hó hì ’s na hì iù o, Haor irì ’s na hì iù o, ’S e mo rùn an t-oighr’ òg. Oighr’ òig á Dùnbheagain, Nam pioban ’s nam feadan, ’S mi gu ’n deanadh do fhreagairt, Le fead ceann-a’-mheòir. ’S e ’s fhasan do ’n àrmunn, ’Bhi ’falbh anns gach àite, Le ’ghillean ’s le ’bhàta, ’Bha àluinn ’s gach dòigh. Cha bhiodh ormsa bonn cùraim, Ach thu fhéin ’bhi ga ’stiùireadh, Ged a bhiodh a’ mhuir dhùbh-ghorm Tigh’nn dlùth do ’n t-slait bheòil. Tha ùbhlan ’ad ghàradh, Agus peuran a’ fàs ann, Tha do chrodh air bhàrr fàsaich, ’S tha do bhàta fo sheòl. ’S ann aig gairmeadh a’ choilich, Fhuair mi sgeula na foill’ ort: Chaidh tu seachad an fhaghail, ’S cha do thaghail thu oirnn. Sguiridh mise ga d’ iargainn, Bho ’n nach fhaigh mi thu ’m bliadhna, Ach, so mo làmh nach mi ’chiad te ’Fhuuir briathran do bheòil. Bas. Aig cul a Phon Mhoir, air a’ cheathramh latha fichead dhe ’n Mhaigh, bean Dhomhnaill Chaimbeil (Domhnall mac Calum). Bha i ann an droch shlàinte o chionn còrr us sia miosan, ach cha robh dùil ri a bàs cho luath. Dh’ fhàg i ceathrar chloinne, aon mhac agus triùir nighean. Bha i air a tiodhlacadh aig a Phon Mhor. Bha i ’na mnaoi chliùitich air an robh deagh mheas aig na coimhearsnaich uile, agus bidh ionndrainn mhor oirre. DeWitt & Mackinlay, Luchd-creic agus obrach Innealan Electric Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh. Stoc mor de dh’ innsridh Electric. Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air son ENAMELLING, BRAZING agus VULCANIZING a dheanamh. Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B. Telephone 223. Reic-a-mach. Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse An t-Iomlan de ar Stoc DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so. TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN. GORDON & KEITH, A. T. GRANT, Manager, Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan “INVICTUS” Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater. A. W. REDDEN & Co., Ross Block. Sraid Shearlot. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. WM. COYNE, Traffic Manager. WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60.00 per month and expenses not to exceed $2.50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars. THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont. [Dealbh] MANUFACTURERS’ LIFE INSURANCE COMPANY. Ard-oifis:—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho A. G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. ROYAL BANK OF CANADA. CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N. S. EARRAS, $3,000,000.00 EARRAS PAIGHTE $2,000,000.00 AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal. Meur-Oifis ann an Sidni. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha BANCA-CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3%’sa bhliadhna.