[TD 1] [Vol. 8. No. 1. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 14, 1899. No. 1. ORAID GUN AINM.* LE IAIN. O chionn fada ’n t-saoghail bha duine ann an àiteiginn an Uidhist ris an cainteadh Mac-an-t-Saoir. Bha e pòsda, ach, a réir mar a chuala mi, cha robh e fhein ’s a bhean cho réidh ’s cho caoimhneil ri ’cheile ’s bu chòir dhaibh a bhith. Thachair dha a bhith air cheann gnothaich air latha àraidh. Dh’fhalbh e o’n taigh mu’n do ghlas an latha, agus cha d’ thug a’ bhean dha uiread is greim dhe’n bhiadh a chuireadh bhar na ciallaidh e. An uair a thill e dhachaidh mu mheadhain latha, dh’ iarr e air a mhnaoi biadh a thoirt dha, o’n a bha e gus a tholladh leis an acras. “Tha e ro anamoch gu braiceist, agus tha e ro thràth gu dinnear,” ars’ ise. “Thoir thusa dhomhsa am biadh, agus thoir an t-ainm a thogras tu fhein air a rithist,” ars’ esan. Tha mise a’ toirt na h-òraid so do Cheilidh nan Gàidheal, agus thugadh iad fhein an t-ainm a thogras iad oirre. Mar a bha nàdarra gu leòr dha, cha robh meas sam bith aig Mac-an-t-Saoir air a mhnaoi. Cia mar a b’urrainn do’n duine bhochd meas a bhith aige oirre, an uair nach dùirigeadh i ach gann a dhiol dhe ’n bhiadh a thoirt dha? Cha robh ’s cha’n ’eil ’s cha bhi gràdh aig a’ mhuinntir sin dhuinn nach dùirig greim dhe ’n bhiadh dhuinn. Ach, mar is minic a thachair, cha robh barail mhath aig Mac-an-t-Saoir air ta sam bith dhe na mnathan. O’n a bha a’ bhean aige fhein gu h-olc dha, bha e ’smaointean gu’n robh mnathan an t-saoghail gu léir air an tearradh leis an aon pheallan. Bha e fada, fada cearr ’na bharail. Cha robh dad a b’ fhearr leis na bhith ruith sìos nam mnathan. Bhiodh e gu tric ag ràdh, gur e trì facail fhìrinn a theireadh na mnathan eadar dà cheann na bliadhna. Ars’ esan, “An uair a bhios iad ag éiridh ’s a’ mhadainn, their iad, ‘Ged a tha mi ’g éirigh, cha’n ’eil mi gu math,’ agus is fhìor dhaibh sin. Bidh cionadhar mu na cinn aca a bhios uiread ri cliabh beag, agus an uair a bhios an cinn goirt bidh iad ag ràdh, ‘Sin an ceann ’sam bheil an t-olc,’ agus is fhìor dhaibh sin. An uair a shuidheas iad aig a’ bhòrd a ghabhail bìdh, agus a dh’iarrar orra biadh a ghabhail, their iad, ‘Bidh mise ’g itheadh rud an comhnuidh,’ agus is fhìor dhaibh sin.” Bha duine eibhinn aucaideach ann am Beinn a’ Bhaola ris an cainteadh Uisdean Mac Dhonnachaidh. Tha cuimhne agam air fhaicinn ’s e ’na sheann duine an uair a bha mi fhein mu ochd bliadhna dh’aois. Cha rachadh fois air ach a’ deanamh spòrs dha fhein ’s do dhaoine eile. Ach cha robh diumbadh aig duine riamh air. An uair a bha Uisdean ’na sgalaig aig Padraig Chnoc-na-mònadh, thachair dha a bhith air falbh o’n obair fad a dhà no trì laithean gun chead fhaotainn o’n ghréidhear. B’e àm a’ gheamhraidh a bh’ ann, agus na’s lugha na bhiodh feamainn air cladach, agus side feamanaidh ann, cha bhiodh a dh’obair aig na seirbhisich ach a’ deanamh fodair, no ’toiradaireachd. Bha fhios aig Uisdean air a so glé mhath, agus mar sin cha robh mòran cabhaig air gu tilleadh thun na h-obrach. An latha ’thill e, bha eagal gu leòr air gu ’m faiceadh Fearaghus, an gréidhear e. Bu duine còir, sìobhalta a bh’ ann am Fearaghus; ach bu cho math le Uisdean gun e ’ga fhaicinn idir; oir bha fhios aige gu’n d’ rinn e dol as an rathad an uair a dh’ fhan e air falbh o’n obair fad dhà no tri laithean. Air an aobhar sin bha e ’g ealadh air chùl chnoc is ghàraidhean mar gu’m biodh fear a bhiodh a’ sealg air geoidh. Mu dheireadh fhuair e steach do ’n àthaidh far an robh na seirbhisich eile ’tìreadh an t-sìl eorna. Bha sùil am mach aige feuch am faiceadh e Fearaghus a’ tighinn rathad na h-àthadh. Fhuair e ball de sheann aodach, agus shuain e phìos de shioman fraoich timchioll air. “A nis, ’illean,” ars’ Uisdean, “feumaidh sibh cuideachadh a dheanamh leamsa feuch am faigh mi saod is gean a chur air Fearaghus. An uair a chi sinn a’ tighinn e, cuiridh sinn so fo’n bhrat, agus bidh mise ’g ràdh gur e an droch spiorad a th’ ann. Feumaidh sibh deanamh mar a dh’ iarras mise oirbh.” Dheanadh na seirbhisich rud sam bith a dh’ iarradh Uisdean orra; oir bha meas mòr aca air. Bhiodh ceol gàire gu leòr anns gach àite sam biodh Uisdean. Mu dheireadh chunnacas Fearaghus a’ tighinn a nall o’n taigh mhòr thun na h-àthadh. Chuireadh an seann aodach ’s an sioman fraoich fo’n bhrat eòrna air urlar na h-àthadh, agus thòisich na seirbhisich air a bhualadh leis na buailteanan mòra cho làidir ’s cho cubhagach ’s a b’ urrainn daibh. Bha Uisdean ag éigheach àird a chlaiginn, “Is e an droch spiorad a th’ ann, ’illean. Ma rinn sibh riamh e, deanaibh an diugh e. Gabhaibh dha. Cumaibh faodhaibhe. Ma thig e an uachdar, bheir e leis cuideigin as a’ bhaile. Cha’n ’eil fhios nach ann air mo thòir fhein a thainig e, a chionn gu’n d’ fhalbh mi o m’ obair gun chead. Cumaibh fobhaidh. Ma thig e an uachdar oirbh ge b’ oil leibh, na fàgaibh cnàimh slàn ann.” Mar bu mhò a gheibheadh an rud a chuir Uisdean fo’n bhrat de bhualadh is ann a b’ fhearr a thigeadh e an uachdar. Bu ghann a bha na fir a bha ’bualadh comasach air cumail air an gàire. Bha Fearghus ’na sheasamh aig ursann an doruis, agus bu ghann a chitheadh e na fir a bha ’bualadh leis na bha de dhudan ag éirigh as a’ bhrat. Ach an uair a chunnaic Uisdean gu’n robh na fir a bha ’bualadh air thuar toirt thairis, thuirt e, “Cha’n urrainn sibh ann ’illean. Tha e cho math dhuibh leigeadh leis. An ainm Dhia, thugadh e leis Fearaghus.” An uair a chuala Fearaghus so, thionndaidh e air falbh o dhorus na h-àthadh, agus cha duirt e gu’m b’ olc ri Uisdean. Bha Uisdean anabarrach trom air an tombaca, mar a bha iomadh fear aig an àm ud. Bhiodh an tombaca anabarrach gann iomadh uair; oir cha robh aon dhe na bàtaichean smùide a’ dol do’n chuid ud de’n Ghàidhealtachd aig an àm ud idir. Agus tha e air aithris gu ’m bu tric le daoine a bhith ’cagnadh nan spliùcan an uair a bhiodh gainne tombaca orra. Aig an àm, bha ’n tuath a’ deanamh mòran cailpeadh. Bha ’n tuath a bh’ aig Padraig Chnòc na monadh gu math tric a’ faotainn cuid mhath de thombaca uaithe gu brosnachadh a thoirt dhaibh gu bhith math gu deanamh na cailpeadh. Agus bu mhath a b’ fhiach do Phadraig na daoine a bha ’g obair dha a chumail ann an tombaca; oir am feadh ’s a bha e fhein a’ faighinn fichead punnd Sasunnach air an tunna dhi, cha robh e ’toirt do ’n tuath a bha ’ga deanamh dha ach dà phunnd Shasunnach. Latha dhe na laithean chaidh Uisdean a steach do ’n t-seòmar anns an robh Padraig ’na shuidhe. Bha e aig an am air tighinn gu bhith ’na fhìor sheann duine. B’ ainneamh leis a dhol air astar fad’ o’n taigh. An uair a dh’ innis Uisdean ceann a ghnothaich do Phadraig, thuirt e ris, “Am bheil srad agad a theid ’sa phìob, Uisdean?” “Ma ta cha’n ’eil, Fhir Chnoc na mònadh. Tha ’n càirean gu tuiteam asam o chionn dà latha le cion an tombaca. An cead dhiubhse, tha mi ’n déis earrann mhath dhe ’n spliucan a chagnadh o’n a dh’éirich mi an diugh.” Bha rodha mòr tombaca air bòrd ann an oisinn an t-seòmar, agus thuirt Fear Chnoc na monadh, “Thoir leat rud as an rodha sin air a’ bhòrd, Uisdean.” Ghabh Uisdean an null far an robh an rodha, agus thug e leis mu leith chromadh as. Thuirt Padraig, “Thoir leat rud a’s fhiach, Uisdean.” An uair a chual’ Uisdean so, thill e, agus rug e air ceann an tombaca, agus tharruinn e leis e, agus thug e an dorus air. An nuas a ghabh an rodha bhar a’ bhùird, agus mar a bha Uisdean a’ sìor tharruinn an tombaca leis, bha ’n rodha ’sior chur nan car dheth, gus mu dheireadh an robh e faisge air dorus an t-seomair. Trom, aosda ’s mar a bha Padraig, dh’ éirich e cho luath ’s a bh’ aige, agus a cheart air eiginn, chaidh aige air an dorus a dhunadh mu’n deachaidh an rodha ’mach. Bha dà dheadh phunnd dhe’n tombaca aig Uisdean, mur an robh an corr aige, mu’n do dhùin Padraig an dorus air an rodha. Cha duirt Padraig mu ’n chùis ach so:—“Droch Uisdean. Feuch nach mi a bha tapaidh an uair a chaidh agam air an dorus a dhunadh mu ’n deachaidh an rodha am mach.” Cha robh an corr m’a dhéidhinn. Anns an àm ud ged a dheanadh duine éibhinn, aucaideach mar a bha Uisdean iomadh ni nach cordadh ri daoine, cha’n abradh iad a’ bheag m’a dheidhinn. Bha Uisdean ’na dhuine òg gun phosadh aig an àm ’s an d’ rinn e so air Padraig. Iomadh bliadhna ’na dheigh sid an uair a bha Uisdean a’ togail an teaghlaich, thachair dha bhith ri ceilp air an Ruadhbhruthach. Latha àraidh ’s e losgadh na feamainn, chunnaic e am Bailidh a’ tighinn an nuas o Chreag-Ghorraidh. Bha fhios aige gu’m bu tric leis a’ Bhaillidh spliucan math làn a bhith ’na phòcaid. An uair a bha’m Baillidh a’ tighinn dlùth do’n àite anns an robh e, leum e air falbh o ’n athadh-cheilpeadh, agus thòisich e ri cladhach le spaid ann an * Leughadh an oraid so ann an Taigh-Ceilidh nan Gaidheal an Glasacho ’s an carrach so chaidh. [TD 2] [Vol. 8. No. 1. p. 2] talamh-toll a bha faisge air an rathad. An uair a thainig am Baillidh far an robhe, bha esan cho trang a’ cladhach ’s nach robh e ’leigeadh air gu ’n robh fhios aige gu’n robh am Baillidh dlùth dha. Thuirt am Baillidh ris:—”Ubh, ubh, Uisdean! ciod e an cladhach a tha fa’near dhut mar sin? Is ann a tha thu mar gu’m biodh duine a bhiodh air iomairt ghabhail a’ chaoich. Theid an athadh-cheilpeadh a dholaidh ort mur grad chuir thu tuilleadh feamann oirre. “Ma ta, Mhr. Shadha, tha mi gun srad thombaca o chionn dà latha. Sùil gu’n d’ thug mi thar mo ghuaille, chunnaic mi scunc a’ dol a steach do tohll ann an so, agus tha mi feuch am faigh mi greim oirre.” “Coma leat, Uisdean, dhe’n chreutair mhosach ’s dhe cuid tombaca. Bheir mi fhein dhut na dh’ fhoghnas dhut gu cionn latha no dhà.” An uair a thuirt am Baillidh so, chuir e ’lamh ann am pòca ’chòta, agus thug e do dh’ Uisdean an spliùcan mar a bha e. Thug Uisdean mìle taing dha, agus ghrad thoisich e air losgadh na ceilpeadh. Iomadh bliadhna ’na dheigh sid bha Uisdean air Di-domhnaich àraidh a’ dol do’n eaglais. Agus an uair a bhae, leitheach rathaid thainig dithis dhaoine òga ’na chodhail a bha mar an ceudna a’ dol do ’n eaglais. An uair a bha iad nan triuir greis a coiseachd air an aghart, thuirt fear dhiubh ’s e ’toirt làmh air a’ spliùcan, “So dhut cromadh thombaca ’Uisdean, agus ni thu ruidhle dannsa dhomh an ath latha thachras sinn ri ’cheile.” Bha ’bhrògan aig Uisdean fo ’achlais, agus ghrad thilg e air a’ chnoc iad, agus thuirt e, “Ma ta, ghràidhean, cha ’n fhaca tu dad riamh a’s fhearr na pàigheadh an làimh.” Thug e deich mionaidean air dannsa air a’ chnoc, ged a b’e Di-domhnaich a bh’ ann. Anns an t-seann aimsir bha daoine, mar bu trice ag amharc sìos air na tàillearan. Cha robh cron sam bith ri chur as leith nan tàillearan mar dhaoine; ach bha tomhas de mhi-chliù air a chur as leith na ceirde. Aig an àm ud cha robh meas mòr air fear a bhiodh a’ cosnadh a lòin ’na shuidhe ri taobh an teine. A bharrachd air a so, b’iad na daoine a bhiodh beag, meata, agus nach biodh comasach air an lòn a chosnadh le cruas an dòrn air muir ’s air tìr, a chuirteadh, dh’ ionnsachadh na taillearachd. Ach ged a bha so mar so, gidheadh bha na taillearan riamh, mar luchd-ceirde, ainmeil air son cho sunndach ’s a bha iad. Bha, agus tha, iad comharraichte air son cho grinn, glan, speisealta ’s a chumadh iad iad-fhein. Nach fhad o’n a chualas na briathran so:—“Nam faigheadh tu, Ceud sagart gun a bhith sanntach, Ceud taillear gun a bhith sunndach, Ceud gobha gun a bhith paidhteach, Ceud greusaiche gun a bhith breugach, Ceud breabadair gun a bhith bradach, Ceud cailleach nach deach riamh air cheilidh, chuireadh iad an crun air an righ gun aon bhuille. (Ri Leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. II. An ceann na bliadhna, thug an righ a mhac ceum a thaobh, agus thuirt e ris, “A mhic, an d’ thug thu le mor-churam fa near na thuirt mi riut an uiridh mu dheidhinn posaidh? Am bheil thu fhathist a’ diultadh a thoirt de thoileachadh dhomh gu’n gabh thu mo chomhairle, agus an leig thu dhomh am bas fhaotainn gun an toileachadh ud a thoirt dhomh?” Cha robh athadh sam bith air mac an righ an uair a labhair ’athair ris, agus anns a’ mhionaid labhair e mar so ri ’athair:—“Le ’r cead, thug mi gu math tric fa near na chuir sibh mu m’ choinneamh; ach mar is tric smaoinicheas mi air a’ chuis, is ann is fhaide tha m’ inntinn an aghaidh gnothach a ghabhail ri posadh. A dh’ aon fhacal, tha na leugh mi ann an eachdraidh mu dheidhinn na rinn na mnathan de dh’ olc air feadh an t-saoghail, agus mar a tha iad a’ sior dheanamh uilc anns gach aite, a’ toirt orm cul a chur buileach glan ri posadh. Agus tha dochas agam gu’n toir sibh mathanas dhomh ma ghabhas mi de dhanadas a radh ribh, nach dean e feum sam bith facal tuilleadh a radh rium mu dheidhinn posaidh.” Cha dubhairt e an corr; agus, gun fhuireach ri facal dhe na bh’ aig an righ ri radh ris, ghabh e am mach as an t-seomar. Bhiodh righ sam bith eile, ach Shasman ’na onar, gle fheargach ri mac a dheanadh mar a rinn Alsaman, agus bheireadh e air nach deanadh e a’ leithid a rithist. Ach bha gradh mor aig an righ dh’ a mhac, agus b’fhearr leis a bhith foighidneach, siobhalta ris na feuchainn ri ’cho-eigneachadh gus a chomhairle a ghabhail. Gun dail sam bith dh’ innis an righ do ’n ard-chomhairleach mar a thuirt a mhac ris. “Lean mi do chomhairle,” ars’ esan, “ach tha Alsaman na ’s fhaide an diugh o ghabhail na comhairle na bha e mu ’n am so an uiridh. Dh’ innis e ’inntinn dhomh an diugh le danadas cainnte a chuir ioghnadh orm. Tha mo dhiol agam ri dheanamh cumail o fhas corruch ris. Tha aithraichean a bha cho deigheil air clann fhaotainn ’s a bha mise, gle amaideach, an uair a tha iad a feuchainn ris an fhios agus an t-sith a tha dligheach dhaibh a chur a dhith orra fhein. Innis dhomh, guidheam ort, ciod an doigh anns an toir mi air mo mhac mo chomhairle ’ghabhail.” “Le ’r cead, a righ,” ars’ an t-ard-chomhairleach ’s e ’freagairt, “ma bhios foighidin mhath aig daoine, theid aca air iomadh rud a dheanamh nach gabhadh deanamh air dhoigh eile. Ach ged a tha so fior, cha’n ’eil fhios co dhiubh ni no nach dean foighidin feum anns a’ chuis so. Cha bhi aithreachas sam bith oirbh air a’ cheann mu dheireadh, ged a bheireadh sibh dail bliadhna eile do bhur mac gu smaoineachadh air a’ chuis. Ma ghabhas e bhur comhairle anns an uine sin, bidh aobhar agaibh a bhith gle thaingeil, nach do ghnathaich sibh ach foighidin agus comhairlean graidh gus a thoirt gu umhlachd. Agus ma chuireas e roimhe nach gabh e bhur comhairle, aig ceann na bliadhna, faodaidh sibh bruidhinn ris ann an lathair nan comhairleach gu leir, agus a radh ris gur e a dhleasdanas do ’n rioghachd posadh gun dail sam bith; agus shaoilinn nach diultadh e bhur comhairle ’ghabhail ann an lathair nan comhairleach.” Dh’ aontaich an righ gu’n robh na thuirt an t-ard-chomhairleach ris gle cheart agus cothromach; ach o’n a bha toil mhor aige a mhac fhaicinn posada, bha bliadhna eile na dhail anabarrach fada leis, agus b’ ann gle aindeonach a thug e a leithid de dhail seachad. An deigh do ’n ard-chomhairleach falbh, chaidh an righ do sheomar na banrigh, agus dh’ innis e dhi ann am briathran tursach mar a dhiult a mhac an dara uair a chomhairle ’ghabhail, ged a bha e ’ga chomhairleachadh cho ciuin ’s cho foighidneach ’s cho siobhalta ’is a ghabhadh deanamh. “Tha fhios agam,” ars’ esan, “gu’m bheil barrachd earbsa aige annadsa, agus gu’n eisd e riut na ’s deonaiche na dh’eisdeas e riumsa. Air an aobhar sin, bu mhiann leam gu’n gabhadh tu a’ cheud chothrom air bruidhinn ris mu ’n phosadh, agus gu’n tugadh tu air a chreidsinn, ma leanas e air a bhith cho rag ’s a tha e, gu’n toir e ormsa gnothach a dheanamh air son am bi aithreachas orm fhein, agus airsan, air a’ cheann mu dheireadh.” A’ cheud uair a chunnaic a’ bhanrigh a mac, dh’ innis i dha gu’n cual’ i gu’n do dhiult e dh’ a athair an dara uair gnothach a ghabhail ri posadh, agus gu’n robh ’athair fo dhragh inntinn anabarrach mor air a shon. Fhreagair a mac i, agus thuirt e mar so, “Tha mi ’guidhe oirbh nach bi sibh a’ cur corr doilghios orm le bhith bruidhinn rium mu ’n chuis sin. Tha m’ inntinn cho mor troimh a cheile ’s gu’m bheil eagal orm gu’n labhair mi briathran nach freagradh dhomh a labhairt ribhse.” Thuig a mhathair air an doigh anns an do labhair e rithe gu’n robh e cho math dhi gun an corr a radh ris gus am faigheadh i cothrom na b’ fhearr air. An ceann uine mhath ’na dheigh sid, thachair gu’n d’ fhuair a’ bhanrigh cothrom math air bruidhinn ri ’mac, agus bha dochas aice gu’n rachadh aice air a dhearbhadh dha, gu’m b’ e a ghliocas cho math ri ’bhuannachd comhairle ’athar a ghabhail gun dail sam bith. “A mhic,” ars’ ise, “mur ’eil dad agad ’na aghaidh, b’ fhearr leam gu’n innseadh tu dhomh ciod a tha ’toirt ort a bhith cho fad an aghaidh posadh? Ma ’s e a chionn gu’m bheil cuid dhe na boirionnaich aingidh, cha b’ urrainn aobhar a bhith na bu laige ’s na bu mhi-reusonta. Cha’n ’eil mi ’dol a ghabhail leithsgeul nan droch bhoirionnach idir; tha iad lionmhor gu leor. Ach bu ghnothach ro eucorach an cur uile fo ’n aon diteadh. Mo leireadh! a mhic, leugh thusa moran mu thimchioll dhroch mhnathan a rinn moran uilc; cha ’n ’eil mise a’ dol a ghabhail an leithsgeil idir. Ach cha d’ thug thu fa near mar bu choir dhut gu’m bheil iomadh righ agus prionnsa anns an t-saoghal a tha anabarrach an-iochdmhor, cruaidh-chridheach, bruideil, eucorach, agus gu’n do chuir na chaidh a sgriobhadh mu’n deidhinn ioghnadh gu leor ormsa, agus air gach aon eile a leugh e. A nis, faodaidh tu mise chreidsinn an uair a their mi riut, gu ’m bheil na droch fhir mile uair na ’s lionmhoire na na droch mhnathan; agus faodar a thuigsinn gur mor an t-aineart agus an eucoir a tha na mnathan a’ fulang o na droch fhir so.” Fhreagair Alsaman, agus thuirt e ri ’mhathair, “Cha’n ’eil teagamh sam bith agamsa nach ’eil aireamh mhor de mhnathan anns an t-saoghal a tha beusach, banail, glic, tlachdmhor, agus gle iomchuidh ’nan gluasad. B’ fhearr gu’n robh a h-uile te cho math anns gach doigh ’s a tha sibhse. Ach is e an rud a tha ’tighinn eadar mise agus posadh, nach ’eil fhios aig duine co dhiubh a bhios e riaraichte leis an roghainn a ni e no nach bi. Agus mar is trice, cha’n fhaigh fear dhe mo sheorsa-sa cead an te a roghnaicheas e fhein a phosadh. “Ach abramaid gu’n robh toil agamsa posadh mar a tha m’ athair gu durachdach ag iarraidh orm. Ciod an seorsa mna tha tha sibh a’ saoilsinn a gheibheadh e dhomh? Is docha gur e nighean fir dhe na righrean a tha faisge oirnn a gheibh e dhomh, agus faodaidh e bhith gu’m bi a h-athair a’ smaointean gu’m bheil e a’ cur urram mor oirnn ma bheir e a nighean dhomhsa ri posadh. Biodh i briagha no grannda, feumaidh mise cur suas leatha. Agus ged a b’ i te cho briagha ’s a th’ air an t-saoghal, co is urrainn a radh gu’m bheil nadar math aice, no gu’m bheil i tlachdmhor, ciuin, foighidneach, umhail, agus iriosal? Co is urrainn a bhith cinnteach nach ann air riomhadh ’s air iomadh ni faoin eile a bhios i a’ smaoineachadh agus a’ labhairt, an aite ’bhith ’smaoineachadh agus a labhairt air nithean feumail, tuigseach? A dh’ aon fhacal, co theid an urras nach bi i uaibhreach, ardanach, ceannasach, luath-bheulach, cas, crosda, agus [TD 3] [Vol. 8. No. 1. p. 3] sgaireapach air gach ni a thig gu a laimh?” “Tha sibh a’ faicinn,” ars’ esan ’s e ’dol air aghart leis a’ chomhradh, “gu’m faod aon ni gun bhith mor inntinn duine a thionndadh an aghaidh posaidh. Agus ged a bhiodh a’ bhean a gheibhteadh dhomh cho math anns gach doigh ’s a b’ urrainn boirionnach a bhith, tha iomadh aobhar agam air son fuireach o phosadh.” Fhreagair a’ bhanrigh, agus thuirt i, “A mhic, an e gu’m bheil aobharan eile agad air son fuireach o phosadh? Ma tha innis dhomhsa iad, agus cha bhi mi fada ’g ad chur ’na do thosd.” “Abradh sibhse na tha agaibh ri radh, agus ma dh’fhaoidte gu’n teid agamsa air freagairt a thoirt dhuibh,” ars’ am prionnsa. “Is e tha mi ciallachadh, a mhic,” ars’ ise, “gu’m bheil e furasda gu leor do phrionnsa, ma thacras dha droch bhean a phosadh, a cur air falbh, agus an aire ’thoirt nach dean i ana-caitheamh air a mhaoin.” “Tha sin fior gu leor,” ars’ esan, “ach cha ’n ’eil sibh a’ toirt fa near gu’n tog a leithid sin de ghnothach aimhrit, agus dragh, agus bristeadh-cridhe do dhaoine a tha ann an suidheachadh ard agus urramach. Nach b’ fhearr do dh’fhear gu mor fuireach o phosadh agus a bhi aig sith is samhchair fad uile laithean a bheatha, na posadh agus a bhith fo thrioblaid inntinn a’ cur suas leis a mhnaoi, ar neo ’ga cur air falbh?” “Ach, a mhic,” ars’ a’ bhanrigh, “is ann a tha ’chuis coltach gu’m bheil toil agad crioch a chur air an teaghlach a bha ’riaghladh na rioghachd ann an doigh ro urramach o chionn iomadh linn.” “Cha’n ’eil iarraidh sam bith agam a bhith beo an deigh m’ athar. Cha bhiodh e ’na ioghnadh mor ged a gheibhinn bas roimhe; oir tha clann gu tric a’ basachadh air thoiseach air na parantan. Tha e ’na chliu agus ’na ghloir do theaghlach rioghail, gu’m biodh an t-aon mu dheireadh dhe ’n teaghlach a bhiodh a’ riaghladh, measail, cliuiteach, anns gach doigh; agus tha mise ’cur romham gu’n gluais mi ann an cos-cheuman nan daoine o ’n d’ thainig mi.” O am gu am ’na dheigh sid bha ’bhanrigh a’ comhradh ri Alsaman, a mac, mu thimchioll posaidh; ach a dh’ aindeoin na dheanadh i chomhairleachadh air, bha esan cho fada an aghaidh posaidh ’s a bha e riamh, agus cha b’ urrainn a mhathair iomadh uair facal a chur an aghaidh na theireadh e rithe. (Ri Leantuinn.) Carson ’na muc ’s an t-seomar, coltach ri tigh na theine? Mar ’s luaithe chuireas tu as e ’sa ann is fhearr. Is suarach an cairdeas a dh’fheumas a cheanach tric. BRUTUS. “Is e Farmad a ni Treabhadh.” Bha mi ann an Lunnain, air bheachd a bhi triall dachaigh, ’nuair a thachair mi ri duin-uasal àraidh nach ’eil gu h-iomlan an urras ris a’ Ghàidhlig, air an d’ fhuair mi eolas ’nam oige ’nuair a bha mi ’tùineachadh am baile-mor na h-Eadailt. Leig e dhomh ’thuigsinn gun robh fios aige mi bhi ’falbh a dh’ Albainn, ach shaoil leis nach cuirinn fad’ an aghaidh a bhi air mo chuireadh do dh’ àite comhnuidh dùthchail-san. Bha gnùis an duine so aig an àm cho taitneach agus cho tlachdmhor; bha aghaidh cho tairis agus cho coibhneil, ’s gun robh e glé shoilleir r’a fhaicinn gu’m bu mhor a thoil-inntinn-sa ri bhi ’coinneachadh ri caraid a b’ aithne dha bho ’oige. Bha fios aige nach biodh e farasda an tràth sin a bhi air dhoigh sam bith a’ diùltadh tairgse ’bha cho fialaidh, cho suairce is cho bàigheil. Bha e a’ tùineachadh aig Saluzzo ann am Piedmont, a mhor-roinn sin de rioghachd na h-Eadailt ris an abrar mar cho-ainm Sardinia, far an d’ rugadh e do theaghlach uasal a bha ré ioma linn fo mhor-chliù airson ard-bhuaidhean an corp ’s an inntinn, gun luaidhe air iad ’bhi ’n an sgoilearan. Ann an companas neach cho iunnsaichte, a bha air a thogail bho oige a measg eireachdais agus ard-mhodhalachd bha maise an turuis do ’n Eadailt gu dùbailte taitneach dhomhsa. Tha ’n dùthaich mu ’n cuairt Saluzzo glé fhreagarrach airson àite-comhnuidh do dhuine foghluimte, agus tha ’n t-sealg air na monaidhean agus air na beanntaibh a tha gu tric a’ boillsgeadh fo theas na gréine, ’na sholas do ’iomadh chàirdean. ’Nam measg-san is taitneach leis bhi ’g àireamh morain ris am bheil fiughair ard aig geach neach, agus is liuthad do na h-inntinnibh as àirde buaidhean ’san Eadailt tha a’ sior-fhaotainn annsan cul-taice ro luachmhor agus neartmhor. Cha ’n e a mhàin gu’n do leugh e ach rannsaich e gach ni ann an litreachas Shasuinn air am bu choir gach fear a mheasadh e-fhein ’n a dhuin’-uasal a bhi fiosrach; tha e mioneolach mu gach ni ann an Eachdraidh ’s ann am Bardachd na Gàidhealtachd a mheasar leis-san nach airidh dhuinn a bhi ’dichuimhneachadh air dhoigh sam bith. Ged tha a bhrathairean-san uile ’nan daoine fiosrach agus ionnsaichte, tha iad air an toirt thairis gu bhi gabhail beacd air doigh-riaghlaidh na Rioghachd gu ’n fhios ciod e a dh’fhaodas tachairt anns na h-amannaibh trioblaideach agus teinnteach so. Bha ’n t-astar, mar a thubhairt mi, gle thlachdmhor; agus cha d’ fhairich sinn moran sgiths a’ chionn ’s nach d’ rinn sinn deifir anabarrach air an t-slighe. Air an rathad co thachair oirnn ach athair-céile an duin-uasail so—’se sin Am Mor-Dhiùchd a dh’ fhàs cho ainmeil agus cho cliùiteach ri linn a chogaidh thiamhaidh mu dheireadh. Air dhomh cuireadh fhootainn bho ’n Diùchd gu suipeir a ghabhail maille ris, thug e dhomh reason gu bhi creidsinn nach robh co-fhulangus air bith aige ri modh-riaghlaidh na Gràisge, a tha ’Spiorad, ’n a bheachd-san glé dhochannach do shaorsa na h-Eadailt. Air chionn criche na cuirme, a bha de nadur gle bhlasda agus shoghail, leig e dhomh bhi faicinn gu robh e de ghleus neo-rasgach ’n a inntinn, agus do bhrigh gu bheil e cho ealamh gu chmhairle ’ghabhail cho luath ri command a thabhairt the e ’na Sheanalair a’ m’ bheachdsa ris am faod sinn amharc le dochas. Bha aige mar oid-ionnsaichidh an làithibh ’oige spiorad cho bàigheil, cho lan tluis us trocair ’s a chunnacas ’san Eadailt, gu h-àraidh anns na linnibh deireannach so; duine mu ’n do labhair an Seanalair gu tric le mor-chaomhalachd agus air uairibh le fiamh-ghàire air a ghnùis. “B’e an duine so,” ars’ an Seanalair, ’s e tabhairt leabhar thana a phocaid, “Ughdair Eachdraidh tha dhomhsa gle phriseil do ’n ainm, mar a chi thu, “Le mi e Prigioni,” Di Silvio Pellico, a tha ’toirt cunntais mu Eachdraidh dhéistinnich Fhir-Teagaisg m’ oige Silvio Pellico nach maireann. Cha mor gu’n d’robh mi ach mu dheich bliadhna dh’aois ’nuair a threoraich e m’ aire gu Bardachd Priomh-Bhaird do dhuthcha, a chaidh a tharruing chum na cainnt Eadailtich fuidh riaghladh An Aba Cesarroti—cliu dha ’ainm—agus a bha fo mhor-mheas aig duine nach b’ airidh, gu h-araidh a measg Ghàidheil, ainm a leigeil air dichuimhne gu bràth. Riamh bho’n àm sin b’e mo thlachd a bhi cluinntinn mu sgeula na h-aimsir a dh’fhalbh ged nach ’eil bron sam bith ’n a ’m chridhe airson mulaid Aichill mhoir mac Pheluis a bha air iomadh doigh cho eu-cosmhuil agus cho dealaichte bho inntinn eudmhoir mo luchd-duthcha. Cha b’ionnan e is Mac-Chumhail, an Righ bha air na Fiantaibh.” Tha e air aithris dhuinn,” thubhairt mi, “gu’m be sin an curaidh corr. ’Dh’fhaodadh gach neach a bha air thalamh tighinn n’ a thalla-san gun iarraidh.” “Dh’fhaodadh,” fhreagair e, “ach an diugh ’s ann aig an Fhasan mar is tric, tha an lamh-an-uachdar. Buinidh buaidh na h-Atharrais do inntinn an duine, agus uime sin feumaidh gach neach a bhi ’s an fhasan ar n-eadh an saoghal fhagail, ged i stric a chunnacas duine a’ leantuinn eiseimpleir chaich gu ’chunnart ’s cha ’n ann a chum a leas. Chuidich e mo luchd-duthcha-sa ’nam féin-spéis, ’nan eud chum dioghaltais a’ thoirt a mach: neartaich e do luchd-duthcha-sa ’n an deigh mhi-laghail air a bhi leantuinn eiseimpleirean is deas-ghnathan an Athraichean gus a nis nach duraichd iad cinneach eile a bhi mealtuinn sochair sam bith nach ’eil iadsan fein a’ sealbhachadh.” “Tha mi ’g iarraidh maitheanais oirbh,” arsa mise, “ach is coir dhuinn an lorg-san a leantuinn, oir cha do ghiulain siad iad fein gu mi-riaghailteach ’nan cuairt. Tha eisempleir ar n-athraichean air a cur f’ar comhair am bitheantas le Oisean—bard a bheil agaibhse mor-mheas a chum ar brosnachadh gu gniomharan euchdach, treuna agus gaisgeil. Is e dleasdanas gach aon dhinn a bhi sior-chumail ’n a chuimhne an t-òrdugh a thug Fionn do Oscar, Leansa cliu na dh’ aom a chaoidh Mar d’ athraichean bi-sa fein. “Cha’n ’eil thusa ach òg,” fhreagair am Mor-dhiùc ’s e gam earalachadh, “agus ’s e ’n eisempleir a leanas tu a chleachdas tu mu dheireadh. ’S furasda dhomhsa comhairle ’thoirt seachd, ach tha chaithe’-beatha fhein an laimh gach neach; is e bial a labhras ach ’s e gniomh a dhearbhas co a ghluaiseas gu ceart. Is mi-fhortanach gu dearbh an duine sin aig nach ’eil eisempleir sam bith r’a leantuinn ach inntinn fhein, ach is duilich gu bheil e fior gur e an cinneach Gàidhealach an cinneach a’s farmadaiche th’ air an t-saoghal. Lean iad air an fharmad ro fhada, agus tha bhuil; dh’ fhag e a thoradh amhaidh ’n a dhéigh. Thug iad a leithid a chreideis do’n ràdh chumanta—gu ’m bu dana cù air otraich féin—’s ’nuair a chaidh iad air an aineol gu’n robh iad lag agus fann a ghnath. Cha chobharadh iad a chéile. Shaoil leo gu’m b’e farmad a dheanadh treabhadh; cha b’ ionnan ’s mar bha Fionn nach d’ fhag riamh caraid a laimh-dheis. Is cinnteach mi nach toir farmad dha neach sam bith a’ chomas fheumail gu cliu Athraichean a leantuinn. Is fior nach eil buaidh mhaith sam bith nach fhaodar chur gu droch fheum, ach tha buaidh na h-Atharrais, ’nuair tha i ’toirt ceadachadh do bhuaidh an Fharmaid, ag oibreachadh gu aimhleas an àite leas nan Gàidheal. Is cruaidh an radh e, ach tha e fior ged tha e searbh, nach dligheach do neach eadhon a charaid a sheasamh ach anns a ch[?]ir a mhain. Is maith an ni bhi creidmheach; is maith an ni bhi dochasach; is maith an ni bhi fo ioghnadh. ’S coir dhuinn mor-speis agus lan-mheas a bhi againn air daoinibh còire. Tha e ’n ni feumail. Ged is ann air na eanntan a’s àirde is trice tha ceo tiugh, gidheadh ’s ann le bhi sìor-choimhid an àirde tha ar n-inntinnean air an togail suas. Tha e a reir lagha nadurrach gu fàs sinn coltach ris an ni sin air a bheil sinn an comhnuidh a’ beachdachadh. Ma thogas neach cla fhuar ’n a dhorn caillidh a lamh a blàths gus an ruig i an aon staid teise ris a’ chloich. An rud tha neach gu bitheanta a’ faicinn is e as nadurraiche dha a dheanamh. (Air a leantuinn air taobh 6.) [TD 4] [Vol. 8. No. 1. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., IULAIDH 14, 1899. LEABHRAICHEAN GAIDHLIG. Ma dh’ fhaoidte gu bheil moran de chairdean MHIC-TALLA nach cuala gu deachaidh ann an 1895, Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn, no Leabhar na h-Eaglaise Shasunnaich eadar-theangachadh a dh’ ionnsuidh na Gaidhlig. Bho laithean an dara righ Tearlach agus an Ard-Easbuig Laud, tha Eaglais Easbuigeach ann an Albainn. Tha an diugh seachd Easbuigean agus faisg air tri cheud gu leir ministeir anns an eaglais so ann an Albainn. Cha ’n e eaglais bhochd no bheag mata, ’tha innte. Buinidh moran Gaidheil di; agus gun teagamh, is ann air an sgath-san a chaidh Leabhar na h-Urnuigh a thionndadh gu Gaidhlig. Tha dragh ’us upraid anabarrach aig an am so ann an Sasunn mu dheibhinn Leabhar na h-Urnuigh, agus an doigh air am bheil ministeirean na h-Eaglaise Shasunnaich ’ga leantuinn no ’ga sheachnadh. Is ann an 1890 a chaidh cuideachd a chur air leth airson an Leabhair so ’eadar-theangachadh, agus sgiamh Gaidhealach a thabhairt da. Ann an 1895 chlo-bhualadh Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn ann an sgeadachadh ur na Gaidhlig. Faodaidh sinn a bhi cinnteach gu robh feum mor ann am beachd nan easbuigean air an leabhar so ’thionndadh gu Gaidhlig, a chum gu faigheadh na Gaidheil comas air na h-urnuighean, air na laoidhdhrann, ’s air gach ni eile ’tha anns an leabhar a leughadh ’nan canain fein. Na abradh neach air bith gu bheil a’ Ghaidhlig air leabaidh a bais, agus gu bheil i aig ceann uidhe ’turuis. Fhuaradh iadsan a dh’ eadar-theangaich an leabhar gu math. Ged tha, an sud agus an so, blas na Beurla air a’ Ghaidhlig; agus ged nach ’eil cordadh nam briathran daonnan co snasmhor, milis ’s a dh’ fhaodadh iad a bhi; tha na sgoilearan a chuir an leabhar ann an uidheam Ghaidhealach, airidh air cliu airson na h-oibre mhaith a rinn iad. Is eiginn gu bheil greadhnachas ’us tlachd sonruichte aig na Gaidheil a bhuineas do ’n eaglais Easbuigeach ann an Albainn, do bhrigh gu bheil aca ’nan cainnt fein gach urnuigh ’us foghlum a tha ann an Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn. Tha Gaidhlig air a searmonachadh do na comh-thionalan anns a’ Ghaidhealtach a tha ’leantuinn na eaglaise Easbuigeach. Tha, air uairean, ministeirean na h-eaglaise so aig am bheil Gaidhlig a’ searmonachadh ann am bailtean mora na duthcha, ’s a leughadh nan urnuighean anns a’ Ghaidhlig a tha air uidheamachadh anns an leabhar a bha air a clodh-bhualadh ann an 1895. Bithidh gach Gaidheal ard-chridheach ’us caoimhneil ag altrum an dochais, gu tarruing Leabhar Gaidhealach na h-urnuigh, Gaidheil Albainn ni ’s dluithe ’s ni ’s baigheile ri ’cheile, agus gu faic iad ann an doigh fior-thaitneach gu faod daoine ’bhi ’nan cairdean carthannach, tlusail, ged nach buin iad do ’n eaglais cheudna. Tha na h-Albannaich comharraichte am measg nan sluagh, oir tha iad fior-dhileas d’ an eaglais fein, agus tha iad fiosrach agus easgaidh airson beachdan ’us eachdraidh an eaglaise fein a dhion agus a mholadh, agus air dearbhadh a thabhairt seachad gu bheil i fada air thoiseach air gach eaglais eile anns an duthaich. Tha e gun teagamh iomchuidh gu bitheadh gach duine eolach air beachdan sonruichte ha h-eaglaise ’tha ro thaitneach ’na sealladh fein; oir thig e do gach neach a bhi cinnteach gu bheil an eaglais agus a beachdan air an steidheachadh air teagasg fior ’us soilleir a’ Bhiobuill. Mar tha na bliadhnachan a’ gabhail gu luath seachad, ’us a tha fineachan na talmhainn a’ faotainn eolais a’s airde ’s a’s fearr air a’ cheile, tha beachdan beaga, suarach a teicheadh air falbh, tha ardan ’us mor-chuis ’us feinealachd a’ call an treoir ’s an danadais, ’us tha daoine ’faicinn agus a tuigsinn gu bheil saorsa ’s comas air a bhuileachadh air gach neach airson a bheachdan ’s abhaistean fein ’altrum agus a chumail suas. On tha inntinn an t-sluaigh ag amhairc air iomadh beachd ’us ni bho iomadh aird ’us aite seallaidh; agus on tha iomadh eadar-dhealachadh ann an smuaintean agus ceud-fathan dhaoine, thig e dhoibh a bhi cairdeil, agus gun a bhi ’creidsinn gu bheil iad fein daonnan ceart, agus gu bheil neach eile cearr ma tha ’smuaintean agus a chreidimh air atharrachadh doigh. Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn agus frithealadh nan Sacramaidean agus riaghailtean ’us deasghnathan eile na h-Eaglais, a reir cleachdaidh Eaglais Shasunn, maille ris an t-Saltair no Sailm Dhaibhidh air am poncachadh mar a sheinnear no a theirear iad ann an eaglaisibh; agus an riaghailt no an doigh air deanamh, orduchadh agus coisrigeadh Easbuigean, Shagartan agus Dheaconan. Ann an Gaidhlig chruaidh, sgairteil, tha mar so aobhar ’us eolas, ’us riaghailtean Leabhair na h-Urnuigh air an cur fa chomhair gach Gaidheil a’ tha ’na bhall de Eaglais Easbuigeach Albainn. Tha na freagairtean a’s gnath do bhuill na h-Eaglaise Shasunnaich a sheinn no ’aithris air an cur anns an uidheam so: “Gloir do ’n Athair, agus do’ n Mhac, agus do’ n Spiorad Naomh. Mar a bha air tus, a tha ’nis, agus a bhitheas gu brath, saoghal gun chrioch. Amen. A Thighearna, dean trocair oirnn. Agus eisd ruinn gu trocaireach an uair a ghairmeas sinn ort. Agus dean do shluagh taghta aoibhneach. Agus beannaich d’ oighreachd. Do bhrigh nach ’eil neach air bith eile ’tha cogadh air ar son ach thusa ’mhain a Dhe.” Tha urnuighean boidheach agus druighteach an leabhair air am bheil mi ’deanamh luaidh, air an eadar-theangachadh gu pongail agus gu maith. “Treoraich sinn, O Thighearna, ’n ar n-uile dheanadais le d’ fhabhar ro ghrasail, agus thoir air ar n-aghaidh sinn le d’ shior chomhnadh: a chum ’n ar n-uile oibribh a thoisich, a bhuanaich agus a chriochnaich sinn annad-sa, gu’ n gloraich sinn d’ Ainm Naomh, agus fa-dheoidh le d’ throcair gu ’m faigh sinn a’ bheatha mhaireannach, trid Iosa Criosd ar Tighearna. Amen.” Tha ’n urnuigh ghasda so air a cur ann an sgeadachadh grinn Gaidhealach. Tha urnuigh airson na Banrigh gle shnasmhor ’us gle bhoidheach. Is e so cuibhrionn de ’n urnuigh: “Gu h-umhal tha sinn a’ guidhe ort cridhe do sheirbhisich Bhictoria ar Ban-righinn agus ar Riaghladair aomadh agus a stiuradh a chum ’na h-uile smuaintibh bhriathraibh agus oibribh, gu ’n sior-iarr i d’ onoir agus do ghloir, agus gu ’m bi i durachdach a ghleidheadh do shluaigh a chuir Thu fo ’curam, ann an soirbheachadh, sith agus diadhachd. Deonaich so, O Athair throcairich, air sgath do Mhic ionmhuinn, Iosa Criosd ar Tighearna. Amen.” Tha ’m beannachadh so air eadar-theangachadh ann am briathran tha fior chrabhach agus taitneach: “Gu ’n ghleidheadh sith Dhe a tha os ceann gach uile thuigse, ur cridheachan agus ur n-inntinnean ann an eolas agus ann an gradh Dhe, agus a Mhic Iosa Criosd ar Tighearna. Agus gu ’n robh beannachadh Dhe uile-chumhachdaich an Athar, a Mhic agus an Spioraid Naoimh ’n ’ur measg, agus gu ’n gabhadh e comhnuidh maille ruibh do ghnath. Amen.” Bithidh gach Gaidheal dileas gle thoilichte gu bheil Leabhar na h-Urnuigh air eadar-theangachadh airson maith ’us comhnadh nan Gaidheal a bhuineas do ’n Eaglais Easbuigeach ann an Albainn. Tha dearbhadh gasda againn nach ’eil cainnt Oisein fathast a’ cromadh a cinn le laigse ’s sneachd na sean aoise. Thig do iomadh Gaidheal nach ’eil ach fann ’na chairdeas do ’n Ghaidhlig agus do ’n oidheirp a tha MAC-TALLA ’deanamh airson beatha laidir, fharsuing a thabhairt di, guth treubhach agus aobhar aluinn, trid an coir dha fas dileas, durachdach agus faoilidh as leth cainnt urramaich nan laoch, ’s nam beann, ’s nan gleann, ’s nan comhnardan. CONA. SYDNEY HOTEL. Luchd-Cuideachaidh. Tha DEICHNEAR NIGHEAN a dhith oirnn air son Obair Taighe; mar an ceudna Cocaire Math Phitheannan (Pastry) d’ an toirear deagh thuarasdal. Feumaidh iad uile Beurla bhi aca. G. L. HANNINGTON. Sidni, Iun 29, 1899. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. [TD 5] [Vol. 8. No. 1. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha an Carnival a toiseachadh Di-ciaduin, an darna latha deug. Tha sinn an dochas gu’m bi side bhriagha ann agus gu’n teid gach ni seachad gun dragh no sgiorradh sam bith. Tha Coinnich Mac Coinnich a nise na fhear-cumail a phriosain anns a bhaile ’so, ’s tha e-fhéin ’sa theaghlach a fuireach ann an tigh na curtach. Tha an Siorram Buchanan a fuireach ann an tigh Bhurchell, air sràid Shearlot. Ma bha teagamh aig daoine nach robh an obair-iaruinn a dol air adhart, tha iad air an cur as an teagamh roimhe so. Thatar a cur air dòigh thaighean ’sa deanamh deiseil air son togalaichean ura chur suas; thatar ag obair air bàta mor (scow) a ghiulaineas da mhile tunna, air son a bhi tarruinn cloich-aoil. Tha na sgoilean a nise air an dunadh, agus tha cothrom aig an luchd teagaisg ’s aig na sgoilearan air gnothuichean a ghabhail air an socair ri teas an t-samhraidh. Fhuair na maighstirean-sgoile a bha air son ceasnachadh a sheasamh, cead an sgoilean a sgaoileadh deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha stoirm throm ann air an t-seachdain s’a chaidh, tairneanaich us dealanaich, us uisge mor. Cha chuala sinn gu’n d’ rinneadh call sam bith air feadh na duthcha, ach gu’n do leagadh àireamh de phuist an telegrph eadar so ’s na Narrows Mhora. Tha uisge gu leòr a sileadh a nise, agus bu choir do nithean fàs math a dheanamh. Rinneadh mort grànda air bord soithich iasgaich Frangach faisg air St. Pierre o chionn da sheachdain air ais. Rinn an sgioba ceannairc an aghaidh a chaiptein, agus ghabh iad dha leis na sgeinean, ’ga ghearradh na phiosan. Ghlacadh an soithich ’s an sgioba le soitheach-cogaidh Breatunnach, agus chaidh an toirt gu St. Pierre. Thainig ceithir cheud eile de na Galicians do Chanada toiseach na seachdain s’a chaidh. Mar a rinn iadsan dhe’n chinneadh cheudna, tha iad a dol a shuidheachadh anns an Iar Thuath. Cha’n eil meas mor sam bith orra an sin, agus thatar dhe’n bharail nach bu choir leigeil leotha suidheachadh ach beagan theaghlaichean an sid ’s an so, air dhoigh ’s gu’m bi cothrom aca air deagh bheusan ionnsachadh o’n coimhearsnaich, ni air am bheil iad, a reir sgeoil, gle fheumach. Thachair droch sgiorradh ann an Glace Bay, air Di-luain, an treas latha dhe’n mhios; bha dithis bhoirionnach, Mrs. Adamson agus Miss Nic Amhlaidh, a dol tarsuinn an rathad-iaruinn, nuair a ghabh an t-each eagal ’s sheas e far an robh e mu choinneamh an inneal-iaruinn. Bhuaileadh an carbad, agus bha ’n dithis bhoirionnach air an tilgeil a mach. Bhrist Mrs. Adamson a cas, agus tri aisnean, agus chaidh a bana-chompanach a ghoirteachadh gu dona cuideachd. Tha Mrs. Adamson gle iseal, agus tha eagal nach fhaigh i a chuid a’s fhearr dheth. Is bantrach i, mu dha fhichead bliadhna dh’ aois, agus tha ceathrar de chloinn bhig air a curam. Tha sinn duilich nach d’ fhuair sinn am paipear a chur a mach air an t-seachdain s’a chaidh mar a b’abhaist. Bha sinn a feitheamh ri luchd-paipear ris an robh duil againn romh thoiseach a mhios, ach a bha fadalach ann an tighinn. Cha robh sinn air son am MAC-TALLA thigh’nn a mach anns an t-seann riochd, agus dh’fheith sinn ris a phaipeir ur. Tha fhios againn gu’n gabh ar leughadairean ar leisgeul. Tha am MAC-TALLA nise ’g amharc na ’s fhearr na bha e riamh, agus tha dochas againn gu’n cord e ris na Gaidheil, agus ma bha iad measail air, agus dileas dha roimhe so, gu’m bi iad moran na ’s measaile air agus na’s dilse dha an deigh so. A FRAMBOISE. Tha aimsir fhionnar bhriagha againn a nise agus pailteas uisge a’ sileadh airson gach pòr a chinntinn gu math. Tha ’m feur a coimhead gu math gealltunach; ’se ’m fochann agus bàrr a bhuntata is fhaide air ais. Tha beagan an dràsda ’sa rithist de na bh’ air falbh ’s na Staitean a teicheadh bho’n teas ’sa tighinn thugainn dhachaidh a dh’ ionnsuidh fionnarachd agus fallaineachd an t-samhraidh. A dh’ aindeoin gach ni a dh’ fhaodas iad fhaotuinn fo bhratach a Gheancaich cha’n eil e ’n comas dhaibh a leithid de chomhfhurtachd fhaotuinn ri teas an t-samhraidh uaithe ’sa gheibh iad aig an dachaidhean an Ceap Breatuinn. Tha muinntir a deanamh gle mhath air iasgach nan giomach air an t-samhradh so, ach an deigh sud is ainneamh fear nach ann ri gearain a tha e. Ach bithidh an gearain ann co-dhiu. Tha dochas againn gu faigh sinn iasgach gu toiseach an fhoghair. Tha iad am bliadhna a cur air falbh gu ruige Boston gach giomach anns a bheil deich oirlich gu leth a dh’ fhad. Tha bàta smuide beag a taghal nan cladaichean, agus a ceannach nan giomach mar sud aig seachd sentichean gach aon agus an sin tha i coinneachadh ann a Caolas Chanso ri bataichean Bhoston; ’s mar sin tha ’n giomach a ruigheachd Bhoston gu beò, slàn, fallain, agus tha sinn a tuigsinn a togail pris mhor air a mhargadh an sin. Tha co-fhaireachduinn againn ris a mhuinntir a chaill an dillsean ’san daimhean ann am meinn Chaledonia. Tha moran chairdean aig an duin’ og, Calum Mac Amhlaidh, a chaidh a mhilleadh ann anns an àite so. Tha triuir pheathrichean mathar aige an so. Agus cha’n ’eil teagamh nach eil iad gu leir ro dhuilich airson a bhuille a fhuair am piuthar. Ach coma, air muir no tir, tinn no slan, cha’n eil ri dhol as bho ’n bhàs. ’S mi a dh’earbadh a mo charaid Ailean a bhi riamh dileas do’n Ghaidhlig, agus tha mi ’n dochas gur a lionmhor duais eile a choisneas e air a shon sud. Iun, 30, ’99. CEANN-LIATH. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 6] [Vol. 8. No. 1. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 3.) Agus mar sin ma bhitheas tu an comhnuidh ag altrum farmaid ri neach eile tha thu air an rathad dhìreach gu fàs cosmhuil ris—chum maith no chum uilc. Tha Farmad mar tha ’n Uaill—taobh maith agus dona oirre—agus uime sin tha claon-bhàigh agus leith-bhreith ’g a leantainn air gach taobh. Tha Farmad ann air sgàth farmaid; sin r’a radh farmad air a shon fein; tha farmad ann air sgath bhi faotainn ni-eigin tha e feumail dhuinn bhi sealbhachadh no bhi mealtuinn no bhi deanamh; sin r’a radh, tha e cubhaidh Buaidh an fharmaid a’ chleachdadh air sgàth a bhi ’g ar cuideachadh chum ni-eigin is còir dhuinn a dheanamh a chuir an gniomh le ’r n-uile neart. Tha mo luchd-duthcha-sa gu dearbh, comharraichte airson dà nì—farmad agus dioghaltas. Saoilidh mi gur trice thug an dà ni so, maille ris an fhein-speis agus an fhein-bhuannachd bha comh-cheangalta riu, air mo luchd-duthcha iomadh ni a chur an gniomh air an deanadh na Gaidheil mu’n do sheinn Oisean tair agus di-meas. Tha farmad gu h-àraidh, tha mi meas, a’ gintinn ciocrais do-shàsuichte ’n ar cridheachan agus a’ toirt oirnn a’ bhi siòr-fheuchainn ri sonas fhaotainn, agus uime sin tha sinn ’ga sheachnadh. B’e farmad a chuir an smuain ann an cridhe Bhrutuis gu bhi marbhadh Cheusair, an t-aon duine aig an àm sin bha comasach air gràisge na Roimhe a stiùireadh. Gun teagamh bithidh cuimhne agad air sin bho Shakespeare—filidh, a’m’ bheachdsa, tha ’n a shamhladh iomlan air inntinn Bhreatainn anns an staid as àirde agus as iomlaine.” “Tha mi a’ tabhairt taing diubh gu treibh-dhireach,” arsa mi-fhin ’s mi ’freagairt, “airson an dochas tha agaibh-se ann am Bard bho ’n d’fhoghluim mi cho liuthad ni tha prìseal; ach tha e eucomasach dhomh bhi creidsinn gu’n do thuig sibh ’fhior-bhrigh. Cia b’e air bith am mothuchadh tha ’g a dheanamh comasach do Bhrutus a bhi mort duine aig an robh (le ’uile chiont agus dhroch-bheairt) gidheadh cridhe daonna, tha mi do rireadh a’ creidsinn gu’n d’thug am Priomh-bhard dha creideas mar fhear-smuaineachaidh aig an robh ni na b’ àirde gu ghluasad. Nuair tha duine aig a bheil fior rùn beusach agus tha saor bho dhubhailcean a latha, a’ gabhail beachd àraidh a dhealbhadh leis ’n a inntinn féin mu chrioch-àraid an duine air thalamh, tha dian-iarrtus aige mu ghnothuchan na h-Inntinn, agus cha ’n fhaodar air dhoigh sam bith a chur air dearmad. A shamhuil so de dhuine dhuraichdinn a ràdh bha ’m Brutus.” (Ri Leantuinn.) Is fhasadh deadh ainm a chall no choisneadh. Is ann’ t-am a thig an cruadal a dh’ aithnichear na cairdean. Carnival Samhraidh Shidni. AIR Iulaidh 12, 13 & 14, 1899. BIDH Soithichean Cogaidh BREATUNNACH, FRANGACH & GEANCACH a lathair a ghabhail pairt. Cuiridh Ramhaichean a’s fhearr ’s a’s ainmeile an Canada Reisean AGUS Bidh Duaisean o $200 sios gu $50 air an toirt seachad. REISEAN EILE aig bataichean beag us mor—le aon ràmh, da ràmh, us ceithir ràimh; reisean thubaichean; reisean snàimh, &c., air son am bi Buinn-Chuimhne Oir us Airgiod air an toirt mar dhuaisean. Reisean Sheoladairean bhar nan soithichean-cogaidh; duaisean o $30 gu $10. Bataichean Iasgaich Reis sheolaidh, deich mile dh’ astar. Duaisean $50 gu $25. Reis Iomairidh, $10 agus $5. Bataichean Philots—ceithir ràimh—$30 agus $15. Bataichean Philots air an iomaireadh le gearradairean guail—ceithir ràimh—$30 agus $15. AIR TIR bidh Reisean Rothairean; Ruith; Leum Ard; Leum Fada; Tilgeadh na Cloiche Neirt; agus gach cluich eile dhe ’n t-seorsa sin. Coimh-cheol Bhand. OBAIR THEINE Soillseachadh anns an Acarsaid leis na Soithichean Cogaidh; Teintein Eibhneis; Soillseachadh mor anns a bhaile, &c., &c. Fosgladh na Pairc Throtaidh BIDH FARADH ISEAL air na carbaid-iaruinn ’s air na bataichean-smuide. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C B MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B [TD 7] [Vol. 8. No. 1. p. 7] THE GREAT EUM’. LE DONULL MAC CALUM. Anns an eachdraidh so tha sinn a nis a fagail The MacDodo, Peter VI., ’n ar deigh. Cha chual e ciamar chaidh do Chaomhan, chaochail e air an oidhche roimh ’n mhod. Chaidh tuile ubraid a dheanadh mu thimchioll The MacDodo marbh no chaidh a dheanadh mu thimchioll The MacDodo beo. Eadar a luchd-daimh feadh na Galldachd, sliochd an aiteam a dh’ fhuadaich Roderick X. an treasa The Mac-Dodo roimh Peter VI., nuair a chuir e na Leirgean-a-choine fo fheidh, agus critearan an Talamh-fhuar, sliochd an aiteam, aig a cheart am, a dh’ athraich The MacDodo ud o na Toranuaine do ’n aite sin, bha strigh cho mor co bu mhotha chuireadh urram air The MacDodo marbh ’s gu bheil a bhliadhna ’s an d’ fhuair e bas fathast air a cuimhneachadh mar “Bhliadhna na conspaid mhor.” Chuir fir na Galldachd a suas clach-chinn mhor air an triath, a bha na culaidh-fharmaid do na croitearan. Tha an sgriobhadh so ri fhaicinn orra gus an la an duigh:— IN MEMORIAM THE MACDODO, PETRI VI. Vericundo et summisso animo, hospes, caput apertum demitte dum hoc elogium legis. Sci Eum gui mortuus Sub hoc tam celso lapide jacat, per vitam, totam regionem guam-circum te videas tenuisse: Eum docissimun disertissimum sapientissimum virum Sna aetate fuisse; nunc autem Eum Custodem Elysium habitare. Nuair a chunnaic na croitearan gu ’n d’ fhuair fir na Galldachd an lamh an uachdar orra thaobh na cloiche thionndaidh iad an aire o The Mac Dodo marbh gu The MacDodo beo.” ’Se fear do’n b’ ainm Harry B. Scrubber a bha ag oighreachadh an aite Peter VI. ’Se ’n titil a ghabh esan, The MacDodo, Edward V. ’Nuair a ghabh Edward V. seilbh air an oighreachd rinn na croitearan greadhnachas co mor ’s gu’n do chuir iad gu naire na rinn fir na Galldachd air son The MacDodo marbh. So an address a thug iad dha;— TO His Lordship The MacDodo Edward V. from His most humble and obedient servants The crofters of Talamh-fuar. May it please your most excellent Lordship, as a proof of our loyalty and of our determination to serve you with the same humble obedience with which our forefathers in all past generations served your most glorious forefathers, to accept this small token. May our children in coming generations never feel the want of The MacDodo to rule over them. And we, your humble adorers, will ever pray. Air an oidhche air an d’thainig Edward V. a ghabhail còmhnuidh do’n tigh-mhor chuir na croitearan a suas tein’ aigheil mòr (bon-fire) air mullach Cnoc-gorm. Air an ath sheachdainn chaidh a chuid a bu sheòlta na chéile de na croitearn a dh’ innseadh do “The Mac Dodo” gu’m b’iadsan a chuir a suas an tein’ aighear air mullach Cnoc-gorm. Ach cha deach iad na b’fhaide na geat’ an tigh-mhòir. An sin leugh iad an sanas a bha air a chuir a suas air craobh ri taobh a gheata:— “Notice.—£5 reward will be given to any person giving evidence that will lead to the conviction of parties who maliciously cut down a number of fine trees in theCoile Mhor,and burned the same on the top ofCnoc-gorm,along with a number of tar barrels, whereby the mountain was reduced to a black cinder, the burning tar causing the moor to burn. “N.B.—A repetition of the same malicious mischief will ensure the evicttion of all the crofters on this estate. —By command of The Mac Dodo, Edward V.” Cha’n eil an crithneachd ann an Ontario gle ghealltunnach air an t-samhradh so. Leir cho gann ’sa bha ’n sneachda, chaidh a chuid mhor de’n chrithneachd-geamhraidh bas leis an reothadh, agus tha ’n t-side cho fuar o’n thainig an samhradh ’s nach d’thainig adhartas ceart sam bith air a chrithneachd-earraich. Am Feillire. IULAIDH, 1899. 1 Di-satharna La na Boinne, 1690. 2 DI-DONAICH VI. Donaich na Caingis. 3 Di-luain 4 Di-mairt Saorsa nan Staidean, 1776. 5 Di-ciaduin Glacadh Lite, 1560. 6 Dior-daoin Breith Phoil Jones, 1747. 7 Di-haoine 8 Di-satharna Bas Righ Alasdair II, 1249. 9 DI-DONAICH VII. Donaich na Caingis. 10 Di-luain Bas Alasdair Mhic-an-Rothaich, 1767. 11 Di-mairt 12 Di-ciaduin Fagail a’ Chrimea, 1856. 13 Dior-daoin Crunadh Righ Alasdair III, 1249. 14 Di-haoine 15 Di-satharna An fheill Mhartainn Builg. 16 DI-DONAICH VIII. Donaich na Caingis. 17 Di-luain Toirt a mach Chawnpore, 1857. 18 Di-mairt 19 Di-ciaduin La Beinn Halidon, 1333. 20 Dior-daoin Glacadh Sruithliath, 1304. 21 Di-haoine Bas Raibeart Bhurns, 1796. 22 Di-satharna La na h-Eaglais-brice, 1298. 23 DI-DONAICH IX. Donaich na Caingis. 24 Di-luain 25 Di-mairt La Harlaw, 1411. 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Posadh Banrigh Mairi ’us Darnlaidh, 1563. 28 Di-haoine 29 Di-satharna [30] Cobhair Doire 1689. 30 DI-DONAICH X. Donaich na Calngis. 31 Di-luain MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 7, U. 4, M. 17 F. A Cheud Chairteal L. 15, U. 7, M. 45 F. An Solus Lan L. 22, U. 5, M. 27 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 29, U. 8, M. 28 M. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s do 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. Chaidh fear Ruairidh Mathanach a bhathadh aig St. Esprit, feasgar Di-haoine, an latha mu dheireadh dhe ’n mhios s’a dh’ fhalbh. Bha e-fhéin us fear Mac Gilleain a bha ’g obair aige, mach le bata a cur air doigh thrapaichean ghiomach, agus air do’n chuan a bhi gu math garbh, chaidh am bata thairis. Fhuair Mac Gilleain greimeachadh ris a bhata gus an d’ rainig cuideachadh, ach thug am Mathanach suas, agus chaidh a bhathadh. Carson ’tha fiacail a chaidh a tharruing coltach ri ni ’chaidh air dhichuimhni? Dh’fhalbh e as a acheann. FOSGLADH Pairc Throtaidh Cheap Breatunn, ANN AN SIDNI, C. B., Iulaidh 13 & 15, 1899. Aon de na nithean a’s taitniche chithear aig a Charnival. Bidh tri Reisean ann gach latha, agus bidh Duaisean o $120 sios gu $10 air an toirt seachad. Eadar an da latha bidh $1,000.00 air a thoirt seachad mar dhuaisean. Bidh da reis gach latha fosgailte do cich a aite sam bith ’sna Roinnean Iseal; bidh aon reis fosgailte mhain do eich a bhuineas do eilean Cheap Breatunn. D. A. HEARN, RUNAIR. Sidni, Iun 19, 1899. [TD 8] [Vol. 8. No. 1. p. 8] Sgialachd na Troidhe. An Dara Duan. AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC LACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam Fineachan Greugach agus Troidheach. ’S e sin ordugh ti nan ti, ’Bheir air righeachd creach no gloir, ’Luaisgeas fann-phruip earbsa dhaond’, ’S romh ’n tuit babhuinn nam faoin-thorr. Ach fath mo chiurraidh ’s mo nair’, Na chluinneas ant al na ’r deigh; Cho fad ’s a chum por gun mhiagh Comhrag dhian ri feachd na Greig’. Feachd is morach ainm ’s gach tir, A dh’ fhas cho diblidh ri uchd cruais. ’S gun choltas criche no duil, Gu’n crunar an toisg le buaidh. Na’n roghnuicheadh Troidh ’s a’ Ghreig Cordadh reidh fo cheangal mhionn, Chum ’s gu’n gabht’ air an da thaobh Uil’ aireamh nan laoch air cheann,— Gu’n tairngt’ air cothrom an loin Luchd-comhnuidh baile nan tur; ’S a’ Ghreig roinnt’ aig cuilm araon, Deichnear laoch mu bhiadh gach buird; Ged iarr gach deichnear, mar choir, Aon bho Throidh gu diol air fion, Gheobhteadh fad gach cearn de’n bhlar Ioma turlach ’s traill d’a dhith. Ach ’s iad fir ’chomradh ar namh— Luchd aitich nam mor-roinn dluth, ’Mhiadaich ar n-allaban craidh, ’Bhrisd ar cridh ’s a chnamh ar luths. Naoidh bliadhna nan iorghainn cian, Thriall bho shoir gu siar mu’n cuairt, Ghrod oirnn fiubhaidh nan luath-long, ’S ar n-ur-ghaisreadh tholl a’s bhruam. ’S goirt, tursach ar mnathan graidh, Ar maoth-phaisdean chaill an ciall, Na ’n suidh’ air nochd-laraich fhais, Gun fhusgais gach la mu ’r triall. Dleasnas, ’tiarainnteachd, a’s baigh, ’S guth nadair bho ghrunnd gach cleibh, Ag eigheach, fheara mo ruin, Gu’n diobramaid cuis gun fheum. Teichibh as, le ’r breochaid bharc, Gu arois ur gaoil thair tuinn. Tha Troidh fo dhidean nan speur, ’S do ’r neart-ne cha gheill i chaoidh.” Labhair e, ’s cho-ghluais am feachd,— Mhiad ’s nach d’ fhiosraich beachd an righ; Shaoil mar aon gu’m bu bhreith cheart, ’S teas-ghradh caoimhneil las na ’n cridh. Ghluais iad mar neart nan garbh thonn, Cuan Icaria doirbh fo ghreann; Deas a’s ear a’ taosgadh shian, Romh bhaideal nan nial le srann. Mar gheilleas trom-arbhar dluth Romh bhras-thuirling nan gaoth niar. Raoin a’ luath-shiubhal fo’n stoirm, Na’n tuinn tholgach, fada ’s cian;— Sin mar chiteadh miltean sloigh, A’ dortadh a choir nan long; Ceo-sniomhain bho ’n smuraich ruaidh, Mhosgladh suas le tartraich bhonn. Ag glanadh claisean nam barc; Greadhnach an gair—mor an uaill, Air ghleus grad-tharruing gu sail, Fhreagair an speur ard do ’m fuaim. An sin, thilleadh a’ Ghreig gu tir, Cheart aindeoin gach ni bha ’n dan, Mur b’e gun d’ thug Iuno ’n eubh Air ban-dia euchdach nam blar; “Mo leir chreach, ’s mo mhianas truagh! A nighean Iobh is uaibhreach sgiath, An teich Greugaich as thair chuan, Fad romh ’n am gun bhuaieh, gun diol? ’S iad a dh’ fhagadh fath na h-uaill, Do chuirt uaibhreach ’s do thuath Throidh. Helen cheutach nam miann craidh, A ghluais bas do mhiltean sloigh, Liuthad Greugach gaisgeil, ur, A dh’ eug cian an duthaich ghaoil. ’S Paris gun ath-dhiol ’g a chionn, An seilbh toradh a mhionn claon; Ach togs’ ort, ’s bi sios na d’ leum, Gu feachd Greugach nan arm cruaidh; Grab an triall le d’ bhriathran corr, Los nach sgaoil iad seol thair stuaidh.” IV. Chuala Pallas nan gorm-shul, ’S thuirling i romh neamh na still Bharr mullach Ilimpiuis aird, Gu luath chabhlach nam barc grinn. Fhuair i mac Laerteis mhoir— Saoidh mar Iobh an gliocas cinn; A lamh cha do shin an sonn, Chum a long thoirt sios gu tuinn. Chunnacas a sheasamh leis fhein, Cridh a’ ghaisgich threin fo cheal; Sheas Minerbha ceart ri ’thaobh, ’S rinn seanchus ri laoch nam fear; “Mhic Laerteis is mor brigh, A chinn ghlic nan innleachd geur, An teich sibh gun chliu, gun agh, Na ’r n-aon mhaoim thair sail gu leir? ’S sibh a dh’ fhagadh fath gu uaill, Aig cuirt uaibhreach ’s aig tuath Throidh. Helen cheutach nam miann craidh, A ghluais bas do mhiltean sloigh, Liuthad Greugach gaisgeil, ur, A dh’ eug cian bho ’n duthaich ghaoil; ’S Paris gun ath-dhiol d’a chionn, An seilbh toradh a mhionn claon! Greas, greas ort, Ulisseis aigh, Fuadaich tamailt, bac an triall; Fiach uile dheas-chainnt do bheoil, ’S leig dan Throidh gu meinn nan dia.” Labhair i; ’s dh’ aithnich an laoch Guth na ban-de nach b’ fhaoin brigh; Ghrad ruith e, ’s tilgear air fonn Fhalluing throm bu sgiamhach lith. Euribat, fear-gairm ant shuinn, Thog ant earradh ’s phaisg le sgoinn; Ach dh’ imich e fhein na ’dheann Gu Mac Atreuis, righ nan lann. Choinnich e ’m flath ’s ghlac a lamh Colbh neo-bhasmhor, siol nam buadh; ’S rainig far ’m bu dluth, na’n sreud. Luingeas Greugach nan arm cruaidh. ’N uair thachradh ris neach a b’fhiugh, Milidh no ceann ’stiuradh sloigh, Dhruideadh e ris gu teann, teann, ’S an reith-chainnt a b’ fheartach gloir: “Cha tig dhutsa, ghaisgich aigh, Crith-eagail mar thraill gun chlith. Suidh a’s impich cach bho thriall, Oir ’s ain-fhios dut miann do righ, ’S a ghniomh seo cha’n bheil air fad, Ach dearbhadh aigne nan treun; Ge lionmhor flath th’ anns a’ chuirt, ’S tearc na thuig a run gu leir. Gabhaibh toirt—na toillibh fraoch; ’S mor am baoghall righ fo ghruaim, Tha cumhachd a’s neart na ’laimh, ’S aig ti nan neamh, ’s ard a luach.” ’N uair chiteadh leis neach ga choir, De’n mheasg-shluagh ri boilich fhaoin, Spaideadh e ’n trom cholbh ri cheann, ’S bhagradh teann le smachd neo-chaoin; “Fosadh ort, ainmhidh gun cheil, Thoir eisdeachd do ’n dream is fiach; Cha chonn thusa ’m blar no ’n cuirt: Ach diobhag gun chliu gun mhiagh. An saoil gach umaidh ’s a’ Ghreig, Gur leis fhein an colbh mar choir? Is riaghailt a chur bonn os cionn, Graisg a chur a stiuradh sloigh. Ceannard na biodh ann ach aon, Righ do’n toir ti naomh nan speur, Gliocas a’s lagh, smachd a’s iul, Gu stiuradh ’s gach cuis le ceill.” Mar seo gu ceannsgalach, glic, Chaisg e iom-ghluasad nam feachd. Bho ’m buthan ’s bho’n longan tric, Thill iad gus an cluinnteadh ’n reachd. Bha’n gaoir a’ dortadh romh ’n fhonn, Mar shumaid ghailbhich a’ chuain, Bhruchdas mu’n traigh fharsuing reith, ’S an grinneal gu leir a’ fuaim. (Ri Leantuinn.) Is mòr a dh’fhaodar a dheanamh fuidh laimh deadh-dhuine. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichcan fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 9] [Vol. 8. No. 2. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 21, 1899. No. 2. ORAID GUN AINM. LE IAIN. (Air a leantuinn.) Tha iomadh naigheachd eibhinn, thaitneach ri aithris mu’n timchioll; oir bu tric leotha a bhith glé aucaideach. Bha taillear ann am Beinn-a’-bhaola aon uair do ’m b’ ainm Aonghas mac Dhomhuill ’ic Eoghainn. Anns an àm ud, b’ e ’n dòigh paighidh a bh’ aig daoine air na taillearan, suim àraidh a thoirt dhaibh a h-uile bliadhna air son taillearachd muinntir a’ bhaile gu leir a dheanamh. Bhiodh iad a’ falbh o thaigh gu taigh mar a chuirteadh cuireadh orra. Gu math tric bhiodh fear no dithis de ghillean òga ag ionnsachadh na taillearachd aig a h-uile taillear a b’ fhiach taillear a ràdh ris. Agus bhiodh am maighstir taillear agus a chuid ghillean a’ falbh o thaigh gu taigh, agus o bhaile gu baile mar a chuirteadh feum orra. Bhiodh gach biadh a b’fhearr na cheile feitheamh air na taillearan; agus tha e air aithris anns gach àite, gu’n robh iad air dhaoine cho grinn, cho modhail, cho iomchuidh, agus cho stuama, ’s a b’ urrainn suidhe aig bord. An uair a bha Aonghas mac Dhomhuill ’ic Eoghainn ag ionnsachadh na taillearachd rinn e iomadh spòrs agus feala-dhà air feadh na dùthchadh. Ach ged a chuala mise gu leor m’a dheidhinn an uair a bha mi òg, cha’n ’eil cuimhn’ agam ach air fìor bheagan dheth an diugh. Thachair gu’n robh a mhaighstir a’ deanamh deise do dh’ fhear ris an cainteadh Domhull àrd. Ciod air bith a b’aobhar dha, cha robh meas sam bith aig Aonghas air Domhull àrd. Agus o’n a bha so mar so, chuir e roimhe gu’n deanadh e feachaireachd air a’ cheud uair a gheibheadh e cothrom air. Fhuair e fhein ’s a mhaighstir fios gus a dhol a dheanamh deise do Dhomhull àrd. Rinneadh a’ bhriogais ’s a’ pheiteag dòigheil gu leòr; ach an uair a bha ’n còta deiseil ach na putain a chur ann, thoisich Aonghas agus a mhaighstir ri deanamh nam putan. Aig an àm ud b’ ainneamh bùth anns am faighteadh putan ri cheannach. Agus ged a bhitheadh na putain na bu phailte na bha iad, b’ fhearr le mòran dhaoine na putain a dheanamh na taillearan dhaibh. Cha chosgadh iad dad dhaibh, agus dheanadh iad feum a cheart cho math ris na putain bu daoire a gheibhteadh ann am bùthaidh sam bith. B’e so an dòigh a bh’ aca air deanamh nam putan. Bha iad a gearradh cumadh nam putan a leathar—ma dh’ fhaoidte a uachdar, no deireadh, no bonn seana bhròige—agus bha iad a’ fuaghal an aodaich mu ’n leathar. Bha na putain so air an aon dath ris an deise. Mar bu trice, b’e an gille a bhiodh a’ gearradh nam putan as an leathar, agus bhiodh am maighstir taillear fhein a’ cur an aodaich mu’n leathar, agus ’g am fuaghal anns na còtaichean. Bha cheud phutan a ghearr Aonghas as an leathar glé mhòr, agus thuirt a mhaighstir ris, “Tha ’m putan so ro mhor, Aonghais.” “Cuireadh sibhse ann e, agus bidh an ath fhear na’s lugha,” ars’ Aonghas. An uair a bha ’n ath phutan deiseil thuirt an taillear, “Ubh, ubh, Aonghais! tha ’m putan so ro bheag buileach.” “Cuireadh sibhse ann e,” ars’ Aonghas, “agus bidh an ath fhear na ’s mò.” Lean Aonghas mar so air deanamh nam putan, agus an uair a bha ’n cota ullamh, bha putan beag is putan mòr ma seach ann. An deigh a dh’ Aonghas a bhith mach as a’ cheird, bha e ’taillearachd air urradh fhein. Thachair dha a bhith taillearachd ann an taigh àraidh. Tha chùis coltach gu’n robh bean an taighe làn dhe’n droch amhrus; oir bha i ’smaointean gu’n goideadh an taillear rud dhe’n t-snàth fhuaghail oirre. Agus air eagal gu’n deanadh e so, chuir i a’ cheirle shnàth anns a chiste; agus an uair a dh’ fhàg i ceann an t-snàth am mach air toll na glaise, ghlas i a’ chiste. Dh’ fhalbh i air cheann gnothaich dhi fhein. Thuig Aonghas anns a’ mhionaid gu ’n robh droch amhrus aice air. Agus le thoil, no gun fhios dha bhrist e an snath. Chuir e chiste air a ceann ’s air a taobh ’s air a beul foidhpe, gus, nam b’ fhìor e fhein, toirt air an t-snàth fhuaghail tighinn am mach air toll na glaise. An uair a bha e greis a’ cur char dhe’n chiste, shuidh e gharadh a chas agus thoisich e ri feadaireachd. An ceann greis mhath thainig bean an taighe dhachaidh, agus cabhag gu leòr oirre gus toiseachadh ri deasachadh bìdh do’n taillear. An uair a chunnaic i an taillear na thàmh, dh’ fhaighneachd i dheth an robh dad a dhith air. “Tha eagal orm a’ bhean gu’n d’ rinn mi cron o’n a dh’ fhalbh sibh. Bhrist an snàth orm ann an toll na glaise. Bha mi cur char dhe’n chiste, an dùil gu’n tigeadh ceann an t-snàth am mach air toll na glaise. Tha amhrus agam gu’n do bhrist mi na soithichean a bh’ anns a’ chiste,” ars’ Aonghas. “A mhic na truaighe,” ars’ ise, “nach tu a bh’ as do chiall buileach glan? Tha na bh’ agam de dh’ ìm ’s de chàise ’s de dh’ uighean ’s de dh’ uachdar ’s de thi ’s de shiùcar anns a’ chiste a nis air feadh a chéile. Agus bu shuarach leam sin seach a h-uile soitheach a b’ fhearr na cheile a bh’ agam a bhith briste.” “Is ann agad fhein a bha choire. Tha thu cho làn dhe’n droch amhrus ’s gun robh thu ’smaointean gu’n robh mise gus an snàth a ghoid ort. Mar a tha’n seanfhacal ag radh, ‘Is miosa an t-amhrus na mheirle.’ ” Bha gille òg aon uair ag ionnsachadh na tàillearachd aig maighstir nach robh cho caoimhneil ris ’s bu chòir dha. An uair a bhiodh iad air chuairt ag obair o thaigh gu taigh, bu tric leis an t-seann tàillear a bhith ’g ràdh, nach itheadh an gille an ni ud no’n ni ud eile. Theireadh e so ris na mnathan taighe an uair nach biodh an gille ’ga éisdeachd. Agus tha ’chuis coltach nach robh na mnathan ag ràdh facal ris a ghille mu ’n chùis. Is dòcha nach robh e ’cur mòran ioghnaidh orra ged nach itheadh gillean òga a h-uile rud a chuirteadh ’nan tairgse. Thachair dhaibh a bhith ann an taigh àraidh ag obair, agus thuirt an seann taillear ri bean an taighe nach blaiseadh an gille air feòil, co dhiubh a bhiodh i ùr no saillte, agus, air an aobhar sin, nach robh feum dhi feoil a chur na thairgse. Chreid bean an taighe e, agus o’n a bha i ’na boirionnach còir, caoimhneil, thuirt i ris a ghille, an uair a fhuair i cothrom air bruidhinn ris, “Nach beag feum a th’ annad nach itheadh tu feoil. Ged a tha feòil gu leòr againn, cha’n ’eil an t-annlann eile a b’ abhaist a bhith againn, mar a tha im, ach glé ghann aig a h-uile duine mu’n àm so dhe’n bhliadhna. Tha ’n seann ìm air teirigeachdain, agus cha ’n fhaigh sin ìm ùr gus am beir an crodh. Theid thu bàs a chion annlainn mur ith thu feòil.” “Ithidh mise feoil cho math ri duine sam bith a h-uile uair a gheibh mi i; ach is ainneamh leam feoil fhaotainn ri ’h-itheadh. Ged a gheibh mo mhaighstir feòil, cha’n fhaigh mise aon bhlasad dhi. Is ann a chionn nach fhaigh iad e, is coireach nach ith na coin an t-ìm. Agus sin mar a thachair dhomhsa thaobh na feola,” ars’ an gille. “Thuirt do mhaighstir riumsa, nach ruiginn a leas feòil a chur na do thairgse.” “Na tugaibhse geill dha. Tha e iomadh uair a’ dol beagan as a rian, agus their e iomadh facal nach ruig duine sam bith a leas a chreidsinn. Cha rachainn an urras nach tigeadh oirbh a cheangal eadar so ’s feasgar. Ann an tiotadh theid e gu ùpraid; agus cho luath ’s a bhuaileas e ’dhòrn air a’ bhòrd, feumar a bhith ’na bhad agus a cheangal,” ars’ an gille. “Cha chuala mi guth gus a so gu’m biodh e ’dol as a rian,” arsa bean an taighe. “Bha sinn ’ga chumail an cleith cho math ’s dh’ fhaodamaid gus a so,” ars’ an gille; “ach tha eagal orm nach gabh e cumail an cleith mòran na’s fhaide.” Dh’ innis bean an taighe do dh’ fhear an taighe ’s dh’a cuid mhac mar a bha cùisean, agus chomhairlich i dhaibh gun a dhol fad’ o’n taigh air eagal gu’n rachadh an taillear as a rian. Coma co dhiubh eadar sid ’s feasgar fhuair gille an taillear cothrom air an t-siosar a chur am falach. Thòisich an tàillear ri ’iarraidh am measg nan aodaichean a bha gearrte air a’ bhòrd. An uair a thug e greis air ’iarraidh, bhuail e dhòrn uair no dha gu làidir air a’ bhòrd, mar is minic a rinn e feuch an cluinneadh e griog aig an t-siosar. Mu’n do tharr an duine bochd sealltuinn uige no uaithe, bha fear an taighe ’sa dhithis mhac a sàs ann, agus ann an tiotadh rinn iad ceangal nan tri-chaol air. Rud nach b’ ioghnadh, ghabh an duine bochd uamhas an uair a chunnaic e an droch dhiol a rinneadh air gun fhios c’ar son. Ghlaodh e riutha as uchd ni math iad ’ga ghrad fhuasgladh. Ach cha tugadh iad geill dha. Cha robh teagamh aige nach ann air a dhol as an rian a bha h-uile duine bha staigh. Mu dheireadh, an uair a bha e greis mhath an ceangal, thuirt an gille, “Ma gheallas tu dhomhsa, ann an làthair fhianuisean, nach abair thu gu bràth tuilleadh nach ith mise ìm no feòil, fuasglar thu.” Dh’ aontaich e gu’n deanadh e rud sam bith a dh’iarrteadh air, nan leigeadh iad as e. [TD 10] [Vol. 8. No. 2. p. 2] MAC-TALLA Dh’ innis an gille dhaibh an t-aobhar air son gu’n d’ thug e orra a mhaighstir a cheangal, agus gun dàil dh’ fhuasgladh e. Crìochnaichidh mi an òraid so le aon naigheachd eile innseadh mu thàillear còir air an robh mi eòlach ’nam òige. B’e so, Seumas Domhnullach, no, mar a theireadh ris gu cumanta, Seumas mac Ailean. Mu thri fichead bliadhna roimhe so, bha dithis ghillean òga ag ionnsachadh na tàillearachd aig Seumas. Thainig fios g’a ionnsuidh gus a dhol a thàillearachd gu ruige Creagastrom. B’e am pàigheadh a bha e gus fhaighinn air son na taillearachd, a dhà no tri de cheirlean siomain fraoich gu siomanachadh nan taighean—pàigheadh cho math leis an tàillear ’s a gheibheadh e; oir, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, ged a bha e gle ealanta air an t-snathaid, cha b’ aithne dha sioman fraoich a shniomh. Bha bean an fhir do’ n robh an tàillear a’ dol a dheanamh na deise fo ainm a bhith glé shalach ’na dòighean; agus bha e air aithris gu cumanta nach b’ aithne dhi biadh a dheasachadh gu grinn, glan, mar a dheanadh té eile. Mur b’e an toil a bh’ aig an taillear gréim fhaotainn air na ceirlean siomain gus na taighean a chur an òrdugh mu’n tigeadh an geamhradh, is gann gu’n gealladh e idir do’n duine laghach—agus tha e air aithris gur e sin a bh’ ann—a dhol a dheanamh na deise. Cha robh ni aige an aghaidh a dhol ann ach an t-eagal a bh’air gu’m feumadh e fhein ’s a dhithis ghillean biadh a ghabhail o’n bhoirionnach, o’n a bha daoine ’g ràdh gu’m b’i an aon drabhas bu mhò a bh’ anns an dùthaich gu leir. Coma co dhiubh, chuir an taillear roimhe gu’n coisneadh e na ceirlean sioman air a h-uile cor. Ann an soilleireachadh an latha, mu Fheill Micheil, thog e fhein agus a dhithis ghillean orra, agus dh’ fhalbh iad gu ruige Creagastrom. Bha deadh chòig mile monaidh aca ri choiseachd mu’n ruigeadh iad. Ach cha robh iad fada ’cur an astair as an déigh. Cha robh sùil sam bith aig muinntir an taighe riutha, agus mar sin, cha robh biadh air a dheasachadh air an coinneamh. Ged a bha bean an taighe ’na boirionnach nach deasaicheadh biadh glan, gidheadh bha i gu nàdarra anabarrach còir, fialaidh, agus cha bu luaithe ràinig an tàillear agus a dhithis ghillean na thòisich i ri deasachadh bidh dhaibh. Thuirt an tàillear rithe nach ruigeadh i leas a bhith aig an dragh biadh a dheasachadh dhaibh gu feasgar anamoch; nach robh acras sam bith orra; agus o’n a bha ’n latha cho goirid, gu ’m b’ fhearr leotha greasad air an obair latha ’chur as an làmhan na toiseachadh ri gabhail bidh. Ged nach robh a’ bhean bhochd deònach an t-acras a bhith air na tàillearan, thuig i nach robh feum sam bith dhi teannadh ri cur nan aghaidh. Gu mi-fhortanach cha robh fear an taighe aig an taigh an lath’ ud. Thachair dha falbh air cheann gnothaich a thaobh eiginn gle mhoch ’sa mhadainn. Ach ghabh an taillear as laimh an deise dheanamh gun tomhas an duine ’ghabhail idir. Thoisich iad an toiseach air a’ bhriogais ’s air a pheiteig, agus dh’ fhàg iad an cota gearr gu deireadh, an dòchas gu ’n tigeadh fear-an-taighe dhachaidh gus a thomhas a ghabhail. Cha robh iad fada ’cur crioch air a’ bhriogais ’s air a pheiteig. Bha osan am fear aig na gillean dhe’n bhriogais; agus bha ’pheiteag aig Seumas fhein. Mu dheireadh ghearradh an cota, agus thòisich iad ri ’fhuaghal cho trang ’s a b’ urrainn daibh. Bha bean-an-taighe ’s a’ fallus ’ga dalladh a’ deasachadh a’ bhidh, agus truas gu leor aice ris na taillearan, o’n a bha fhios aice gu’n robh iad ’g an tolladh leis an acras. A h-uile uair a rachadh i do cheann shuas an taighe, no am mach as an taigh, theireadh Seumas ris an dithis ghillean, “Gréim fada réidh, ’illean: cota siomain.” Ann an beul anamoch na h-oidhche bha’n cota gearr deas. An uair a chroch iad air staing e, thug iad an aire gu’n robh te dhe na sgiathan na b’ fhaide na’n té eile. Air eagal gu’n tugadh bean an taighe an aire dha, chuir iad cnapach math cloiche anns a’ phocaid a bh’ air an sgéith bu ghiorra. Bha ’m biadh deiseil aig bean an taighe an uair a bha na tàillearan deiseil dhe’n deise. Ghrad thog iad orra gu falbh dhachaidh thun a’ bhaile. Bha bhean bhochd a’ dol a sàs annta gus an cumail ris a’ bhiadh; ach cha’n fhanadh iad ris ged a bheirteadh as a cheile iad. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXX. ANN AM FASAICHEAN BHRASIL. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is fhearr duine na daoine.” B’fhearr Tomas Murphi ’na onar gus gach deisealachd fhaotainn na sinne ’nar dithis. Bha e cho eolach air an fhalbh agus bha fhios aige air a h-uile rud a dh’ fheumadh luchd turuis a thoirt leotha. Anns an àm ud, agus ma dh’ fhaoidteadh air an latha ’n duigh, cha bu ghnothach sabhailte do dhaoine a bhiodh a’ falbh troimh choilltichean agus troimh fhasaichean uaigneach Bhrasil, ceum a thoirt o’n taigh gun airm gu leor a bhith aca. Bha gunnachan is dagachan is biodagan againn, agus na shaoileamaid a bhiodh feumail a dh’ fhùdar ’s de luaidhe. Thug sinn leinn biadh agus beagan a dh’ aodach-laidhe. Cha b’ ann gus ar cumail blath a bha’n t-aodach-laidhe againn, ach gus cuilleagan is seangain is creutairean cronail eile dhe’n t-seorsa a chumail uainn an uair a leigeamaid sinn fhein ’nar sineadh a dheanamh beagan cadail. Ged a bha sinn uile a’ tuigsinn glé mhath nach b’e ar gliocas moran imrig a thoirt leinn, o’n a bha’n dùthaich cho teith, agus a’ choille cho tiugh ’s cho ard, gidheadh an uair a fhuair sinn gach ni an ordugh gu falbh, bha barrachd mor againn de chudam ri ghiùlan na bha sinn an dùil. Bha sinn ann naoinear gu leir—sianar dhe na daoine cho calama ’s cho cruadalach ’s a gheibheamaid, agus sinn fhein ’nar triùir. Ged nach robh mi ’nam dhuine ris am faoidte gealtair a radh, feumaidh mi aideachadh gu saor agus gu h-onarach, gu’m bu cheart cho math leam fuireach far an robh mi an latha ud ri falbh air an turus air an robh sinn a’ dol. Bha m’ inntinn mar gu’m biodh i ag innseadh dhomh gu’n robh cruadal is cruaidhchas is annradh is allaban is uidil gu leor ri tachairt ruinn mu’n ruigeamaid dùthaich an oir ’s an daoimein; agus gur docha nach ruigeamaid i gu la bhrath. Ach cha do leig mi orm ri cach gu’n robh smaointeanan dhe’n t-seorsa so ag éiridh suas ’nam inntinn; oir bha fhios agam gu ’n deanadh Tomas fanaid gu leor orm, agus gu’m biodh e fad iomadh latha tilgeadh orm nach robh annam ach an gealtair bog, truagh. Cha d’ rinn sinn moran astair an latha dh’ fhalbh sinn; oir cha robh toil againn sinn fhein a chlaoidh ’s a sharachadh anns a cheud dol am mach. Ach bha mise, agus Seumas Barton, sgith gu leor mu’n do chuir sinn coig mile dhe’n astar ’nar déigh. Cha robh sinn suas ri bhith falbh troimh choilltichean ’s troimh gharbhlaichean mar a bh’ Tomas agus an t-sianar sheirbhiseach a bh’ againn; agus air an aobhar sin, bha sinn a cur uidhireachd mhor air a bhith ’coiseachd earrann de’n latha troimh ’n fhasach. Chuir sinn seachad a’ cheud oidhche ann an aite cho math ’s a thachair ruinn fad ar turuis. Agus thug so misneach mhor dhomhsa agus do Sheumas. Bha Tomas cho lan de mhisnich ’s a tha’n t-ugh de’n bhiadh. Cha’n ’eil mi ’smaointean gu’n cailleadh e a mhisneach gu tur, ged a bhithteadh ’dol g’a chrochadh air chasan ri craoibh. Thugadh cead dhomhsa agus do Sheumas ar diol cadail a dheanamh, o’n a bha sinn le cheile cho sgith. Cha do dhuin Tomas a shùil fad na h-uine a bha sinn ’nar stad anns an aite ud. Bha e fhein agus dithis dhe na seirbhisich ’nan caithris fad na h-oidhche; oir cha robh fhios againn nach fhaodadh robairean tighinn an rathad a bha sinn an uair a bhiomaid ’nar cadal, agus ar cuid, no ma dh’ fhaoidteadh, ar beatha, thoirt air falbh mu’n tarramaid sinn fhein a dhion. Mu’n d’ fhalbh sinn, shuidhich sinn gu’m biodh fear ma seach dhinn ’na chaithris a h-uile oidhche comhladh ri dithis ma seach dhe’n t-sianar sheirbhiseach. Cha robh e ’n comas dhuinn air an ath latha moran astair a chur ’nar deigh; oir bha feur a bha ’fas ann an iomadh aite dhe’n rathad a bha sinn a’ gabhail, faisge air a bhith cho ard ruinn fhein, agus mar bu trice, bha e cho tiugh ’s gur gann a gheibheamaid troimhe. B’ eiginn duinn a bhith gu math tric a’ leigeadh ar n-analach. Agus leis cho tiugh ’s cho ard ’sa bha ’choille, thigeadh an dorcha oirnn greis mu’n rachadh a’ ghrian fodha. Anns an aite ud, thuiteadh an oidhche ann am mionaid; agus bha againn ri stad far an tachradh dhuinn a bhith gus an soilleiricheadh an latha. An ceann tri latha an deigh dhuinn falbh, thachair amhainn mhor ruinn, agus o nach robh doigh againn air faighinn thairis oirre, cha robh againn ach coiseachd suas ri ’taobh gus an ruigeamaid aite a bhiodh ao-domhain gu leor gus a ghrunnachadh. Ach cha do chuir sinn moran astair ’nar deigh an uair a thachair creagan ruinn a bha cho cas agus cho ard ’s nach robh de mhisnich againn na bheireadh oidhirp air an direadh. O’n a bha ghrian air cromadh gu math, smaoinich sinn gu ’m bu cho math dhuinn an oidhche chur seachad far an robh sinn. Gus a sid cha d’ fhadaidh sinn teine; oir bha eagal oirnn gu’m faodadh farbhalaich a bhith anns an aite; agus nam faiceadh iad solus, no nam fairicheadh iad faileadh an teine, bha sinn cinnteach gu ’n cuireadh iad dragh oirnn. Bha toil againn greim de bhiadh blath a dheasachadh, agus o’n a bha sinn ann an aite cho tearuinte ’sa dh’ iarramaid—bha ’chreag ard, chas air ar culaobh, agus an amhainn air ar laimh dheis—dh’ fhadaidh sinn deagh theine, agus ann an ùine ghoirid rinn fear dhe na seirbhisich deiseil am biadh dhuinn. Bha e na chocaire cho glan ’s cho sgiobalta ’s a chunnaic mi riamh. Agus ghabh sinn uile ar biadh cho sunndach ’s cho toilichte ’s a rinn sinn fad iomadh latha roimhe sid. Ged a bha sinn ann an aite sabhailte gu leor, cha leigeadh an t-eagal leinn gabhail mu thamh gu léir. B’ e sid an oidhche a bha aig Tomas ri bhith ’na chaithris, agus o’n a bha na seirbhisich gu math sgith a’ giulan na h-imrig, smaoinich mi fhein gun leiginn leis an dithis aig an robh ri bhith ’nan caithris comhladh ri Tomas, a dhol a laidhe, agus gu’n caithrisinn fhein an oidhche ’nan aite. Mu ’n deachaidh iad a laidhe, chruinnich iad torr math de chonnadh, agus bha braitseal mor teine agam fhein ’s aig Tomas air fad na h-oidhche. B’e Tomas an aon fhear bu chuideachdaile agus bu chomhraitiche a thachair riamh rium. Bha de sheann sgeulachdan agus de naigheachdan [TD 11] [Vol. 8. No. 2. p. 3] MAC-TALLA dhe gach seorsa aige na lionadh deadh leabhar. B’ann air na mnathan sithe, agus air mar a bhiodh daoine ’g an cluinntinn a’ caoidh faisge air taighean nan seann uaislean a bha aon uair an Eirinn, an uair a bhiodh aon dhe’n teaghlach gu bàs fhaotainn, a bha e bruidhinn an oidhche ud. Ged nach robh mi aig an àm ud, no eadhoin fada roimhe sid, a’ creidsinn gu’n robh bòchdain no sithichean ann, gidheadh, thug na naigheachdan a bha Tomas ag innseadh dhomh orm gu’n robh bioragaidhean dhe’n eagal ’gam bhualadh. An uair a bha esan ann am meadhain te dhe na naigheachdan a bha e ag innseadh, thuirt mi ris gu ’n robh mi cluinntinn fuaim am measg an fheoir agus nan craobhan a bha rud beag an taobh thall dhinn. “Eisd, a dhuine gun doigh,” ars’ esan, “Cha ’n ’eil ann ach oiteag ghaoithe a’ deanamh fuaim am measg nan craobh, ar neo fuaim a th’ anns an inntinn agad; oir tha mi ’faicinn coltas an eagail ’nad dha shùil. Na biodh eagal sam bith ort gu’n tig mnathan-sith na h-Eirionn a chur dragh ormsa no ortsa do’n àite uaigneach, uamhalta so. Cha b’e a leithid a dh’ àite ’chordadh riutha. C’aite an coltach an t-àite so ris na cnocain ghorma, bhòidheach, a th’ anns na glinn uaigneach, agus air bruaich nan aimhnichean lubach a tha gu bras, ceòlmhor a’ ruith troimh na glacan a tha cho pailt ann an tir mo gradh—an tir a’s aille leam fo’n ghrein?” Mu’n do tharr e am facal a leigeadh as a bheul, chuala sinn le cheile séiteil an taobh thall dhinn. Thug Tomas sùil thar a ghuaille an taobh o’n d’ thainig am fuaim oirnn, agus aig a’ cheart àm thog e an gunna a bha air an làr ri ’thaobh. Mu’n do tharr mi sealltainn ugam, leig e an urchair, agus bha ’n t-ainmhidh air an do loisg e—math-ghamhain cho mòr ’sa chunnaic mi riamh—’na shineadh marbh an taobh thall dhinn, agus am peilear air a dhol troimh ’n cheann aige. Ach ma fhuair sinne le cheile clisgeadh an uair a dh’fhairich sinn farbhas a’ tighinn ’nar rathad, is ann a fhuair an clisgeadh na fir a bha ’nam cadal. Mu’n do tharr mi ach gann ceum a thoirt as an àite ’san robh mi ’nam shuidhe, bha iad uile air am bonn, agus na gunnnachan aca ’nan laimh, deiseil gus a dhol gu dàna, duineil ann an còdhail namhaid sam bith a chuireadh dragh orra. Ged a fhuair sinn uile clisgeadh a chuir crith air na cridheachan againn aig an àm, bha sinn toilichte gu’n d’ fhuair sinn de dh’ fheoil na chumadh ann am biadh sinn fad àireamh laithean. Bha sinn an latha ud fhein a’ gabhail eagail gu’n ruitheamaid am mach a biadh mu’n ruigeamaid ar ceann-uidhe. Cha b’e am beagan bidh a dh’ fheumadh naoinear fear mòr, làidir mar a bha sinne, eadhoin ged a bhiomaid ’nar suidhe gun char ’ga dheanamh; agus o’n a bha sinn ag imeachd air ar n-aghart a h-uile latha cho math ’s a dh’ fhaodamaid, faodar a thuigsinn gu’n robh géireag mhath oirnn thun a’ bhidh a h-uile uair a shuidheamaid aige. Ged a rachadh agamsa, agus aig mo dhithis chompanach air cur suas car ùine le beagan bìdh, dh’fheumadh an t-sianar sheirbhiseach a bha againn am pailteas de’n bhiadh fhaotainn fhad ’s a bhiodh biadh ann dhaibh. Nan teirgeadh am biadh, bha amhrus làidir againn gu ’m fàgadh na seirbhisich ann an sid sinn, agus gu’n tilleadh iad air ais do’n duthaich as an d’ fhalbh sinn. (Ri Leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. III. Aig ceann na bliadhna bha Alsaman cho fad an aghaidh posaidh ’s a bha e riamh. Bha so a’ cur dragh mor air an inntinn aig an righ. Air an aobhar sin, air latha araidh an uair a bha ard-chomhairle na rioghachd cruinn, thuirt an righ ri Alsaman, “A mhic, tha uine mhath a nis o’n a dh’innis mi dhuit gu’n robh fior thoil agam gu’m posadh tu gu’n dail sam bith; agus bha mi ann am beachd gu’m biodh tu na bu deonaiche umhlachd agus toileacaadh a thoirt dhomh na bha thu, o nach robh mi ’cur ni mi-reusanta sam bith mu d’choinneamh. Ach o’n tha thu air mo sharachadh ’nam fhoighidin le bhith diultadh mo chomhairle ’ghabhail, smaoinich mi gu’n tugainn a’ chuis fad’ chomhair ann an lathair na comhairle. Bu mhiann leam gu’n tugadh tu fa near nach ’eil e dleasdanach dhut a bhith ’cur an aghaidh mo thoile-sa, cha ’n ann a mhain a chionn gur mi d’athair, ach mar an ceudna air son math na rioghachd gu leir. Agus tha an luchd-comhairle gu leir a tha lathair an so a’ co-aontachadh leamsa ann a bhith ’g iarraidh ort mo chomhairle-sa ’ghabhail. Innis dhuinn gun dail sam bith am bheil no nach ’eil thu ’dol a ghabhail chmhairle; agus ni mise riut a reir na freagairt a bheir thu orm.” Labhair am prionnsa ris an righ ann am briathran a bha gle dhana, ged a bha iad modhail gu leor, agus dhiult e am muigh ’s am mach posadh. Ghabh an righ a leithid a dh’ fheirg ’s gu’n do ghlaodh e anns a’ chomhairle mar so, “Cia mar, a mhic eas-umhail, a tha de dhanadas agad bruidhinn riumsa air an doigh sin?” An uair a thuirt e so, dh’ordaich e do’n fhreiceadan a mhac a thoirt air falbh, agus a ghlasadh ann an seana chaisteal anns nach robh duine ’fuireach fad iomadh bliadhna roimhe sid. Anns a’ chaisteal so chuireadh aon seomar beag air doigh. Bha aon seirbhiseach gus a bhith frithealadh dha, agus bha ’n seirbhiseach so ri bhith ’na chadal aig an dorus a h-uile oidhche air eagal gu’n teicheadh Alsaman as a’ chaisteal. Ged a bha Alsaman an sas, bha e toilichte gu leor. Bha leabhraichean aige gus an uine a chur seachad. Bha e ’ga fharagadh fhein a h-uile feasgar, a’ gabhail urnuigh, agus a’ leughadh anns a’ Choran, agus bha ’inntinn aig fois a’ cheart cho math ’s ged a bhiodh e ann an luchairt ’athar. An uair a bha e ’cur dheth ’s a’ dol a laidhe, bha e ’fagail a’ chruisgein laiste fad na h-oidhche. Anns a’ chuirt a bha mu’n cuairt a’ chaisteil so, bha tobar anns am biodh bean-shithe araidh do’m b’ainm Maimoun, a’ cur seachad an latha. Mu mheadhain oidhche, an uair a thainig Maimoun as an tobar gus a dhol a shiubhal an t-saoghail mar bu ghnath leatha, ghabh i ioghnadh an uair a chunnaic i solus anns an t-seomar anns an robh Alsaman. Chaidh i do’n t-seomar, agus sheas i ri taobh na leapadh; agus ged a ghabh i ioghnadh an uair a chunnaic i cho briagha ’s a bha ’n leaba, bu mho na sin a bha dh’ioghnadh oirre an uair a chunnaic i am fear a bha ’na laidhe anns an leabaidh. An uair a chaidh Alsaman a laidhe, cha d’fhalaich e ’aghaidh gu leir leis an aodach laidhe. An uair a thog Maimoun an t-aodach bhar ’aghaidh, thuirt i rithe fhein, gu’m b’e an aon duine bu bhriagha a chunnaic a suil riamh. Ars’ ise, “An uair a dh’fhosglas an duine so a shuilean, is e duine og a’s aille dreach a bha riamh anns a’ chruthachadh! Ciod an droch ghniomh de’n robh e ciontach an uair a chuireadh an sas mar so e?” An uair a bha i greis ag amharc air ’s e ’na shuain chadail, thug i pog dh’ a leithcheann, agus do chlar aodainn; chuir i an t-aodach-laidhe air ’aghaidh mar a bha e roimhe, dh’fhag i ’na throm-chadal e, agus thug i an iarmailt oirre. An uair a bha i gu math ard anns an iarmailt chual’ i fuaim sgiathan, agus rinn i direach air an fhuaim.Dh’aithnich i gur e fathach a bh’ ann, agus gu’m b’e aon de na fathaich a bha ’deanamh ar-a-mach an aghaidh Dhe. Bhuineadh i fhein do’n dream a chuir Solamh fo cheannsal, agus a bha ’toirt geill dha. B’ e ainm an fhathaich so, Danhash, agus an uair a chunnaic e Maimoun, chlisg e leis an eagal a bh’ aige roimpe, o’n a bha fhios aige gu’n robh i moran na bu chumhachdaiche na e fhein, do ’bhrigh gu’n robh i a’ toirt geill do’n Uile-chumhachdach. Bha toil gu leor aige a seachnadh, ach o’n a thachair dha bhith cho faisge oirre, cha robh aige ach geilleadh dhi, ar neo a cothachadh. Air an aobhar sin labhair e rithe gu bog, similidh, agus thuirt e, “A Mhaimoun threun, mionnaich dhomhsa ann an ainm an De mhoir, nach dean thu cron sam bith orm, agus bheir mise mo mhionnan dhutsa mar an ceudna, nach dean mi cron sam bith ort.” “Fhathaich mhollaichte,” arsa Maimoun, “ciod e an cron a’s urrainn dut a dheanamh ormsa? Cha ’n ’eil eagal sam bith agam romhad; agus cha toir mi dhut am fabhar a tha thu ’g iarraidh—cha toir mi mo mhionnan nach dean mi cron ort. Innis dhomh, a spioraid sheachranaich, co as a thainig tu, ciod a chunnaic tu, agus ciod a rinn thu o’n a thainig an oidhche.” “A bhean uasal mhaiseach,” ars’ am fathach, “is math an t-am ’san do thachair thu rium, oir tha naigheachd agam dhut a chuireas ioghnadh gu leor ort. Agus o’n a tha toil agad a cluinntinn innsidh mi dhut i. “Thainig mise as a’ chearn a’s fhaide air falbh de rioghachd Shina, aite tha dluth air iomall an t-saoghail. Ach, a Mhaimoun mhaiseach,” ars am fathach ’s e air chrith cho mor leis an eagal ’s gur gann a b’urrainn da facal bruidhne a radh, “geall dhomh gu’n toir thu mathanas dhomh, agus gu’n leig thu leam a dhol air m’ aghart air mo thurus an uair a chuireas mi crioch air mo naigheachd.” “Air aghart, air aghart le do naigheachd, a spioraid mhollaichte,” arsa Maimoun; “air aghart, agus na biodh eagal sam bith ort. Am bheil thu smaointean gu’m bheil mise cho mealltach riut fhein, agus cho deas gu bristeadh air na mionnan a thug mi? Bi cinnteach nach innis thu dhomh facal ach an fhirinn, ar neo ma dh’ innseas gearraidh mi dhiot na sgiathan, agus bheir mi fior dhroch laimhseachadh dhut.” An uair a chuala Danhash na briathran a labhair Maimoun ris, thog a chridhe, agus thuirt e, “Mo bhean uasal ionmhuinn, cha ’n innis mi facal dhut ach an tul-fhirinn, ma bhios tu cho math ’s gu’n eisd thu rium. “Cha ’n ’eil rioghachd anns an t-saoghal cho cumhachdach ri rioghachd Shina—an rioghachd as an d’ thainig mise. Tha eileanan cian a’ chuain gu leir ann an tomhas mor air am beathachadh leis an rioghachd so. Tha aon nighean aig an righ, agus cha ’n fhacas boirionnach riamh air an t-saoghal a leith cho briagha rithe. Cha’n ’eil e an comas dhutsa no dhomhsa, no do aon sam bith a bhuineas dhuinn taobh air thaobh, cainnt fhreagarrach a ghnathachadh a chum cunntas a thoirt air maise a’ bhoirionnaich so. Tha falt tiugh donn oirre a tha ruighinn sios gu a sailean, agus is gann a ghabhas e ceangal air a ceann. Tha bathais aice cho math cumadh ’s a chunnaic duine riamh, agus tha i cheart cho min ri aghaidh sgathain; tha suilean mora, briagha, (Air a leantuinn air taobh 14.) [TD 12] [Vol. 8. No. 2. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh. Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiscach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., IULAIDH 21, 1899. LEABHRAICHEAN GAIDHLIG. ANNS an litir mu dheireadh a sgriobh mi rinn mi iomradh air an eadar-theangachadh a rinn an Eaglais Easbuigeach ann an Albainn, air Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn bho ’n Bheurla gu Gaidhlig, a tha pongail agus ceart ann an tomhas mor. Tha eadar-dhealachadh nach ’eil faoin no suarach eadar nadur na Gaidhlig agus na Beurla, agus air an aobhar so, tha e fior dhuilich eadar-theangachadh a dheanamh bho Bheurla gu Gaidhlig, no bho Ghaidhlig gu Beurla, ann an doigh a bhitheas firinneach, curamach agus taitneach. Is maith a tha fios aca-san a dh’ fheuch an obair mhionaideach so, cia co anabarrach cruaidh ’sa tha ’n oidheirp a ni iadsan aig am bheil iarrtus agus durachd sonruichte airson briathran agus smuaintean suilbhir, boidheach aon chanain a sgeadachadh ann an trusgan grinn ’us eireachdail na canain eile. Tha iomadh sgoilear Gaidhlig ’n ar linn fein a tha nochdadh comais geur ’us innleachdach ann an laoidhean ’us duain Bheurla ’chur ann an rannan fonnmhor, milis, briagh Gaidhlig. Dhearbh Fionn, na Leodaich, Deobhair, ’us iomadh sgoilear eile, gu bheil inntinn nan Gaidheal laidir, gu buin fior-neart na bardachd doibh; agus gur aithne doibh smuaintean agus rannan Beurla a chur ann an sgiamh dheas, sgeanail, bhrioghmhor Ghaidhlig. Ann an 1894 thainig leabhar fiachail a mach d’ an ainm, “Laoidhean agus Dan spioradail air an tional agus aireamh mhor dhiubh air an eadar-theangachadh leis an urramach nach maireann Gilleasbuig C. Mac Caluim, M. A., LL. D., air an ullachadh agus air an cur a mach fo lamh Iain Whyte.” Is ann am baile mor Ghlaschu a bha an t-Ollamh Mac Calum a’ gabhail comhnuidh. Is e bard snasmhor, ealanta ’bha ann fein. Bha meas mor aige air a’ Ghaidhlig, agus bha e min-eolach air gach bardachd aluinn a tha aig na Gaidheil. Thug e moran speis ’us aire do laoidhean agus dhuain, agus thug e baigh ’us cairdeas nach robh gann do laoidhean ainmeil, druighteach a bha air an seinn re iomadh ginealach ann an eaglais an Tighearna, ann an iomadh rioghachd ’us canain. Dh’ eadar-theangaich e fein aireamh de na laoidhean blasda, crabhach a tha anns an leabhar air am bheil mi ’deanamh luaidh. Chuir an t-Ollamh Deobhair, a bha ’na fhear-riaghlaidh air Oilthigh Abaireadhainn, leabhar laoidhean Gaidhealach a mach ann an 1806. Cha ’n e ’mhain gu do sgriobh an t-Ollamh Mac Calum e fein laoidhean grinn, boidheach, agus gu d’ eadar-theangaich e laoidhean eile bho ’n Bheurla; thagh e mar an ceudna moran laoidhean eile ’sgriobh no dh’ eadar-theangaich sgoilearan diadhaidh agus comasach eile. Chriochnaich an Gaidheal gasda Mac Caluim a chath ’s a reis mun deachaidh na laoidhean agus na duain a thionail e le eud ’us curam sonruichte ’chlo-bhualadh. Thug e ’s dh’ fhag e dileab phriseil, luachmhor ann an Leabhar nan Laoidh ’us nan Dan, do na Gaidheil air feadh an t-saoghail gu leir, agus do na h-eaglaisean anns an abhaist doibh aoradh a dheanamh do Dhia. Is ann do Eaglais Chriosda gu h-iomlan gun atharrachadh air bith, agus gun aithne air ard no iosal, air bochd no beartach, a bhuineas na laoidhean crabhach ’us tairis ’us ceolmhor. Tha iomadh eaglais a seinn nan laoidhean so ann am Beurla; oir thainig ’nar latha fein, anns gach duthaich ’us eaglais, moladh an Tighearna air aghaidh gu ciatach agus gu togarrach. Rinn na sgoilearan a dh’ eadar-theangaich na laoidhean oidheirp mhaith, agus shoirbhich leotha gu gasda ann a bhi ’gleidheadh nam fonn ’s nan sreath mar tha iad anns a’ Bheurla. Tha e mar so furasda gu leoir na laoidhean a sheinn anns a’ Ghaidhlig leis na fuinn d’ am bheil iad air an seinn anns a’ Bheurla. Thig e, mata, do gach coimhthional Gaidhealach feum a dheanamh de na laoidhean so ann an aoradh an Tighearna. Tha mi cinnteach, ann an tomhas mor, gu bheil Gaidheil na h-Eaglaise Easbuigeach ann an Albainn a’ seinn nan laoidhean Gaidhealach ann an aoradh an Tighearna; oir, on dh’ eadar-theangaich iad Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn do ’n Ghaidhlig, nach ’eil e gle nadurra gu seinneadh iad na laoidhean crabhach, binn Gaidhealach mar an ceudna. Ann an coimhthionalan nan Eaglaisean Cleireach ann an Albainn, is maith a thig e doibh a bhi ’seinn nan laoidhean a chur iomadh ministeir tapaidh Gaidhealach ann an uidheam fhonnmhor, aluinn. Bha eolas agam air ministeir ann am Mor-Roinn Cuebeic, (a tha ’nis tosdach ann an suain a’ bhais) d’ am b’ abhaist a bhi le ’choimhthional a seinn nan laoidhean Gaidhealach. Dh’ innis e dhomh gu robh seinn nan laoidhean anabarrach tlachdmhor ’us tarbhach doibh. Tha aireamh mhor ann an Nobha Scotia de choimhthionalan Gaidhealach a bhuineas do ’n Eaglais Chaitliceach. Chi mi gu bheil ceithir easbuigean aig an Eaglais Chaitliceach ann an Nobha Scotia ’s Newfoundland, a tha ’giulan ainmean a tha co Gaidhealach ris an fhraoch no ris an rainneach. Fhuair mi eolas aon uair air Easbuig Antigonish, agus da rireadh is e Gaidheal foghainteach a tha ann, a labhras Gaidhlig gu pongail, fileanta. Arisaig, Boisdail, Creignish, Iona, Liosmor, Lochabair: is iad so ainmean gle Ghaidhealach a tha mi ’faicinn am measg coimhthionalan na h-eaglais sin. Tha iomadh ministeir agus coimhthional Gaidhealach a bhuineas do ’n Eaglais Chleireach anns na roinnean a tha shios ri taobh a’ chuain. Mar bheil na laoidhean agus na duain a thionail Mac Caluim coir air an seinn anns na coimhthionalan Gaidhealach air am bheil MAC-TALLA eolach, nach tig e doibh gun tuille moille ’dheanamh ann a bhi ’faotainn solais anama bho na laoidhean so:— Na ’s dluith’, mo Dhia, dhuit fein, Na ’s dluith’ dhuit fein! ’S ged b’ ann a thogteadh mi Tre chrois ’us phein, Gidheadh b’e so mo laoidh, Na ’s dluith’, mo Dhia, dhuit fein, Do ’m Dhia na ’s dluith’! Ged bhiom mar sheachranaich, ’N uair laigheas grian, Am shuain le cloich bho ’m cheann, Is dorch’ gach sion; Am aisling b’e mo ghuidh Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’, Do m’ Dhia na ’s dluith’! Ierusalem ro oirdheirc, Le bainne ’s mil gun dith, Do mhaise ’luaidh no smuaineach Cha ’n urrainn beul no cridh’: An t-agh ’tha ’n sin g’ ar feitheamh, Cha ’n fhios domh, O, cha ’n fhios; Ceud loinnearachd na gloire, Is solas ’dol thar meas! ’Chreag a sgoilteadh air mo sgath, Bi ad fhasgadh dhomh ’s ad sta; Anns an uisge ’s anns an fhuil, ’Thaom o leon do chleibh mar thuil, Tonnlaid uam gach peacadh ’s truaigh, Saor o chiont’ an uilc ’s o ’bhuaidh. Tha na rannan sud a’ nochdadh cia co milis, taitneach ’s a tha na laoidhean air an eadar-theangachadh. Cha ’n ’eil Leabhar nan Laoidhean ’us nan Duain a cosd ach pris bheag; agus tha e air a chur ann an uidheam agus ann an sgiamh gle ghrinn. Gun teagamh theid aig MAC-TALLA ’n leabhar fhaotainn gle fhurasda. CONA. Bha ’n soitheach-smùide Diana anns an acarsaid air an t-seachdain so, air a turus do ’n àirde tuath. Tha an soitheach a giulan bidh us nithean feumail eile gu Lieut. Peary, a tha feuchainn ri ceann a tuath an t-saoghail a ruigheachd; tha i giulan mar an ceudna aireamh dhaoine tha dol a chur an fhoghair ’sa gheamhraidh seachad air cladaichean Ghreenland us Ellesmere, a faotainn eolais air nadur nan dùthchannan reota sin. Bha coinneamh ann an Talla nan Daoin’ Oga an raoir, aig an robh muinntir a bhaile a’ cur failte air na h-uaislean sin, agus a guidhe soraidh slàn leotha gus an till iad mu ’n àm so ’n ath bhliadhna. Bidh ainmean na phàigh o thoiseach a mhios so ann am paipear na seachdain s’a tighinn. Tha dochas againn nach dean an luchd-gabhail an corr dail ann an cur air adhart a phàigheidh, agus gu ’m bi aireamh mhor ainmean againn ri chlo-bhualadh air an t-seachdain s’a tighinn. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. [TD 13] [Vol. 8. No. 2. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha an Dotair Fearchar Mac Fhearghais a New York, anns a bhaile air an t-seachdain so. Tha an Dotair ’na cheann-suidhe air Comunn Gailig a bhaile mhoir sin. Sguir factoridhean nan giomach a bha air cladaichean an iar an eilean so, a dh’ obair Di-satharna s’a chaidh, an coigeamh latha deug dhe’n mhios. Tha cead aig na factoridhean air an taobh so dhe’n eilean leantuinn air obair gu deireadh a mhios. Chaill fear Iain Mac Fhionghain, air cul Cobh a Bheabheir, tri mairt agus atharla leis an dealanach o chionn ghoirid. Bha iad ’gam fasgadh fhein aig bonn craoibhe astar beag o’n tigh, nuair a bhuaileadh iad. Cha robh de chrodh aig an duine bhochd ach iad fhein, agus cuiridh an call eis mhor air. Air an t-seachdain romh ’n t-seachdain s’a chaidh, bhatar a ceasnachadh na muinntir a bha air son a bhi ’nan luchd-teagaisg ann an sgoilear na duthcha. Chaidh tri mile ’s seachd ceud suas air son ceasnaichaidh ann an Nobha Scotia air fad. Tha ’n ceasnachadh o chionn aireamh bhliadhnaichean air ais a sior fhas cruaidh, agus ’se ’s docha nach fhaigh cead-teagaisg ach aireamh bheag dhiubhsan a dh’ fheuch. Dior-daoin s’a chaidh, chaidh an tigh aig R. D. Caimbeul anns a bhaile so ’na theine. Bha am mullach air an losgadh dheth cha mhor gu buileach, agus rinneadh milleadh mor air an storaidh iseil leis an uisge. Mur biodh gu’n d’ fhuaireadh an teine chasg mu’n d’ rinn e adhartas mor, bha aireamh de thaighean eile air an losgadh. Rinn cuid de na seoladairean Breatunnach cuideachadh mor leotha-san a bha cathachadh ris an teine. Tha an “Carnival” seachad, agus tha’m baile nise mar a bha roimhe. Bha aireamh mhor sluaigh a stigh Di-ciaduin ’s Dior-daoin, gu h-araidh Dior-daoin, ’nuair a bha aireamh mhiltean de na mèinneadairean a stigh. An da oidhche sin bha na taighean-osda lan, agus bha aig moran ri cairtealan a ghabhail air feadh nan taighean eile. Ged a bha na h-uiread sluaigh cruinn, bha iad gle rianail, agus cha deacha chur an greim air son a bhi ri ol no aimhreit ach aireamh gle bheag. Chaidh gach ni seachad gu math, agus a reir na tha sinn a cluinntinn, dh’ fhalbh na coigrich lan riaraichte le’n turus do cheann-bhaile Cheap Breatunn. Tha sinn a cluinntinn gu bheil moran obrach ri bhi air a chur air adhart ann an Sidni an lorg na h-obair iaruinn. Bidh an t-iaruinn air a dheanamh cho saor an so ’s gu ’m paigh e gu math do luchd-deanamh innealan dhe gach seorsa tigh’nn cho faisg air an aite ’s is urrainn daibh. Tha e air aithris cheana gu bheil barrachd us aon chuideachd a deanamh deiseil gu tigh’nn a nuas a Montreal ’s a Ontario. Tha ’san ainm mar an ceudna gu bheil cuideachd laidir ’ga cur ri cheile air son obair-leaghaidh iaruinn a chur air adhart ann an Sidni Tuath. Ma tha gach sgeul a chluinnear fior, cha ’n fhada gus am bi Ceap Breatunn air aite cho trang lan obraichean sa bhios air an t-saoghal. Chaidh soitheach, a bha luchdaichte le olla a losgadh ann an acarsaid Halifacs feasgar Di-luain s’a chaidh. Bha coig cheud mile galan air bord agus loisgeadh an t-iomlan. Fhuair an sgioba as gun dochann sam bith. Aig togail sabhail ann an Kincardine, Ontario, ce’-la-deug air ais, thachair droch sgiorradh leis an robh aon duine air a mharbhadh, agus sia duine deug air an leonadh. Bha an sabhal air aon de na togalaichean bu mhotha ’san duthaich; agus an uair a bhatar a togail aon de na cliathaichean, chaidh a cur tuilleadh us fada air adhart, agus thuit i orra-san a bha air an taobh eile, a marbhadh aon duine agus a leonadh sia duine deug eile. Chaidh soitheach-smuide d’ am b’ ainm Portia air sgeir faisg air Ceap Sambro, N. S., oidhche Di-luain air an t-seachdain s’ chaidh. Chaidh i fodha an ceann beagan mhionaidean, agus cha d’ fhuaireadh ni a shabhaladh. Fhuair an sgioba as le’m beatha, uile ach aon ghille a bha tinn air an leabaidh, agus a chaidh a dhiochuimhneachadh le cach ’nuair a bha iad a fagail an t-soithich. B’ fhiach an soitheach ’s a luchd ceud gu leth mile dolair. Bha i air tighinn a New York air a turus gu Halifacs us St, John’s, Newfoundland; ’se ceo trom a bhi am a dh’ aobharaich i dhol air chall, ’sa bhi air a bristeadh air an sgeir. Tha an teine air bristeadh a mach am meinn Chaledonia a rithist. Deireadh na seachdain s’a chaidh, an deigh dhaibh cursa ’n aile anns a mheinn atharrachadh, thoisich ceo ri tighinn a nuas, agus feasgar Di-ciaduin b’ fheudar do’n obair sgur, agus thoisicheadh air lionadh earann de na mheinn le uisge. Cha ruigear a leas a lionadh uile, ach bidh uiread dhi air a chur so uisge ’s gu’m bi eadar ceithir us coig ceud duine air an cumail o obair. Chaidh tearnadh caol air aireamh dhaoine a bha rannsachadh timchioll an teine toiseach na seachdain; thainig after damp orra, agus ’s ann air eigin a fhuair cuid dhiubh as le’m beatha. Tha e ’na chall mor do’n chuideachd ’s do na daoine a mheinn a bhi air a cur ’na tamh aig an am so; tha feill mhor air gual, agus tha e eu-comasach na thatar ag iarraidh a chur a mach as na meinnean eile. Tha sinn a cluinntinn gu tric mu dhaoine bhi deanamh saoibhreis a cladhach an oir anns a Chlondaic agus anns na cearnan sin, ach tha sinn mar an ceudna a faotainn sgeoil air atharrachadh sin. Tha cunntas anns na paipearan o chionn beagan lathaichean air ais air triuir dhaoine bhi air am faotainn marbh ann am bothan beag, far ’n do bhasaich iad leis an scurvy o chionn shia seachdainean. Bha an cuirp air cnamh gu mor, agus bha e gu math dhoirbh dhaibhsan a fhuair iad seasamh ri ’n tiodhlacadh. Bha mu naodh ceud dolair de dh’ airgead air fhaotainn anns a bhothan. Thainig sgeul eile air fear a dh’ fhag am bothan anns an robh e-fhein us dithis eile fuireach, air son sealladh a ghabhail air feadh nam beanntan. Chaidh e air chall, agus bha e fad thri latha deug a siubhal a mhonaidh ’s ’ga chumail fhéin beo le fiar, luibhean agus friamhaichean. ’Nuair a fhuaireadh e, cha robh air ach gu robh e beò. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, ,Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 14] [Vol. 8. No. 2. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 11.) blatha, dubha, aice; cha ’n ’eil a sron aon chuid ro fhada, no ro ghoirid; tha a beul beag, cuimir, agus a bilean tana, boidheach, dearg, agus tha a fiaclan fallainn, cuimir, comhnard, cho geal ris a’ chailc, An uair a labhras i, tha a guth fallain, fuaimneach, taitneach; agus labhraidh i briathran a tha lan gliocais, tuigse, agus geur-chuis. Tha a muineal cho geal ris an t-sneachda. A dh’ aon fhacal, faodaidh sibh a thuigsinn o na dh’innis mi dhiubh m’a deidhinn, nach ’eil te eile ’s an t-saoghal cho briagh rithe. “Tha gradh anabarrach aig an righ dhi, agus cha’n ’eil ni air an t-saoghal a bheireadh toileachadh dhi nach toir e dhi. Cha’n ’eil cunntas againn gu’n robh barrachd graidh aig athair do nighinn riamh na th’aige dhi. Cha leig e le firionnach sam bith a faicinn ach am fear a phosas i, ge b’e air bith co e. Agus a chum a cumail a sealladh nan uile le’m bu mhiann a faicinn, agus air eagal gu’m biodh i gabhail fadachd ann an aon aite, thog e seachad luchairtean dhi cho mor’s cho briagha ’sa thogadh riamh air an talamh. “Tha cheud luchairt air a togail de chloich chriostail; an dara te de chopar; an treas te de staillinn; an ceathramh te de dh’ umha; an coigeamh te de chloich luachmhoir; an siathamh te de dh’ airgiod; agus an seachdamh te de dh’or. Chuir an righ innsreadh freagarrach anns gach te dhe na seachd luachairtean. Tha garadh mor maiseach mu’n cuairt air gach te dhe na luachairtean, agus anns gach fear dhiubh h-uile seorsa craoibhe a tha toirt am mach toraidh, agus craobhan deadh-fhailidh dhe gach seorsa fo’n ghrein; tha mar an ceudna gach seorsa dithein a dh’fhas riamh a uir thalmhainn anns na garaidhean. Tha mar an ceudna lochain is sruthain is tobraichean fior-uisge, agus easan annta. A dh’aon fhacal, cha ’n ’eil ni a tha taitneach do’n t-suil air am b’ urrainn duine ainm a chur nach ’eil anns na garaidhean. Air an doigh so nochd an righ gu’n robh gradh mor aige dh’ a nighinn. “Chualas fad is farsuinn gu’n robh nighean an righ ’na boirionnach anabarrach briagha, agus chuir na righrean bu mho agus bu chumhachdaiche a bha anns a’ chuid ud dhe ’n t-saoghal teachdairean far an robh a h-athair g’a h-iarraidh ri ’posadh ri ’n cuid mhac. Bha righ Shina a’ gabhail ris na teachdairean so le mor-chaoimhneas agus urram; ach chuir e roimhe nach tugadh e ’nighean ri posadh a dh’fhear sam bith, mur biodh i fhein deonach a phosadh. O nach d’ aontaich i gu’n gabhadh i te seach te dhe na tairgseachan posaidh a chuireadh m’a coinneamh, cha robh aig na teachdairean ach tilleadh dhachaidh mar a thainig iad. Ach ged nach d’fhuair iad gealladh air nighean an righ, thill iad dhachaidh ’s iad gle riaraichte leis gach urram agus caoimhneas a bha’n righ ’a nochdadh dhaibh. (Ri Leantuinn.) Seana Phiobaireachd. Air an ochdamh latha diag de dheireadh an Fhogair, 1784, choinnich comnun Gaidhealach Lunnain ann an Dun-eidin, an làthair mòran bhain-tighearnan agus dhaoin’-uaisle, a chur diachainn air bàird ’s air piobairean; agus a thoirt dhuaisean dhoibhsan a b’ fhearr a thoilleadh iad. Chaidh sia diag de rogha nam piobairean a dh’ fhiachainn a chéile, agus cead aig gach fear dhiubh a rogha puirt a chluith. An deigh do gach fear a chuairt fhein a chluith, thugadh air fear an deigh fir dhiubh “A’ Ghlas-Mhiar” a chluith. Is e seo ceòl mòr cho briagha ’sa th’ann, thathas am beachd. Chuireadh mu choinneamh nam bàrd òran-molaidh a dheanamh do ’n Phìob, agus do ’n Deise-Ghàidhealaich. Chluith na pìobairean ’s an rian a leanas:— 1 Moladh-Mairi—Domhnull Iasgair a Braid-Albainn. 2 Cumhadh an aon Mhic—Gilleasbuig Mac Griogair a Feartaighill. 3 Piobaireachd Dhomhnuill Duibh—Iain Mac Griogair a Gleann Liobhunn. 4 A’ Ghlas-Mhiar—Iain Cuimeineach, piobaire Thighearna Ghrannda. 5 Sliabh an t-Siorra—Rob Mac Aoidh a Duthaich Mhic Aoidh. 6 Ceann na Drochaide moire—Iain Mac Griogair a Feartaighill. 7. Spaidsearachd Mhic Mhic Ailein—Iain (og) Mac Griogair a Feartaighill—aon bhliadhna diag a dh’ aois! 8.—Domhnull Guimhneach, piobaire Shir Iain, am Peighinn-na-cubhaig. 9. Failt’ a’ Phrionnsa—Aonghus Ros, fear de thuathanaich Mhic an Toisich. 10. Cumhadh an aona Mhic—Seumas Munro, poibaire ’Chanongate. 11. Failt’ a’ Mharcuis—Domhnull Mac a’ Chanonaich, a Paisley. 12. Ceann na Drochaide Bige—Domhnull Ros, piobaire Dhiuc Atholl. 13. A Cholla mo ruin—Dughall Dughallach a Latharna. 14. Sughan agus Lagan—Alastair Mac Laomainn, piobaire Mhic Laomainn. 15. Failte Shir Seumas—Cailean Mac-an-Aba, piobaire Mhic-an-Aba. 16. Spaidsearachd Mhic Mhic Ailein—Donnachadh Mac na Ceairde a Monteath. An uair a sguir na piobairean thoisich na baird—Donnachadh Ban agus an Caimbeulach. Seo mar a thuirt Donnachabh Ban ’s e ’toiseachadh:— Innsidh mi sgeul araidh duibh, Air Canain ’us air Ceol. Rogha na deas Ghaidhlig, ’Si ’s fearr a dh’innse sgeoil; A’ chainnt a’s lionmhor pairtean, ’S a’s milse manran beoil; Gu freagarach deas labhrach, ’S i ard chuiseach gu leoir, &c. An sin thug na piobairean an t-urlar orra. Thaitinn iad cho math ris na h-uaislean ’s gun do chuir iad romhpa duaisean-dannsa ’thoirt seachad aig an ath choinnimh. An àm toiseachaidh chluith, Iain Mac Artair cuairt air a’ phiob, agus cuairt eile an am sgur. B’ esan piobaire Comunn Gàidhealach Dhun-eidin, agus an t-aon mu dheireadh de dh’ fhòghlumaich Mhic-Chruimein! B’ ann an earbsa risan, agus ri uasal eile de’n chomunn chiadna—Domhnull Domhnullach—a bha riaghladh na Coinnimh. B’ì ’chiad dhuais Piobmhor bhannach, airgeadach, ùr, a rinneadh le fear de Chlann-Donnachaidh, agus da fhichead marg. Thugadh an duais so, ’s bu gheal an airidh oirre e, do dh’ Iain Mac Ghriogair a Feartaighill. Dh’ionnsaich e ’phiobaireachd do dhà-fhichead Gàidheil; bha a cheathrar bhràithrean ’n am pìobairean; a’s b’e an athair fhein a b’ oid’-ionnsachaidh dhaibh agus do cheithir fichead piobair ’us deich a bharrachd. B’e Dòmhnull Iasgair a choisinn an dara duais—duais-chùinnidh; agus thugadh an treas duais do Dhiughall Dughallach à Latharna. Chruinnicheadh mòran airgid aig an dorus, agus riaraicheadh e air na piobairean eile a phàidheadh an costus bho’n taigh ’us dhachaidh. Leis cho fada ’sa bha am paipear ur gun tighinn ’s an t-eagal a bhi oirnn gu ’n cailleadh an luchd-gabhail am foighidinn, chuir sinn am MAC-TALLA mach air an t-seachdain s’a chaidh air a chlo-bhualadh air an t-seann phaipear. Ach neach sam bith a tha air son leabhar a dheanamh dhe na paipearan an ceann na bliadhna, agus a leigeas fios ugainn, cuirear uige an aireamh sin air a chlo-bhualadh air a phaipear ur. Chaidh duin’ og d’am ainm Uilleam Mac Leoid a mharbhadh ann an Louisburg Di-haoine s’a chaidh. Bha e ’na brakeman air an rathad-iaruinn, agus air dhaibh a bhi gluasad charbadan, thuit e bhar fear dhiubh, agus chaidh na cuidhlichean thairis air, a prannadh a chinn ’sa ghuaillnean gu h-uamhasach. Chaochail e an ceann tri uairean, ged a rinneadh gach ni air a shon a b’ urrainn sgil lighichean a dheanamh. Bu mhac bantraich e a mhuinntir an Eilein Mhoir, agus cha robh e ach mu thri bliadhna fichead a dh’ aois. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B [TD 15] [Vol. 8. No. 2. p. 7] FACAL A BRITISH COLUMBIA. Is fhad o’n da latha sin bho nach fhaca mise MAC-TALLA gus an de, agus ’s mi fhein a bha ’ga ionndrain, ’s cha b’ annas ged a bhitheadh; ’s ann ris a dheanadh mo chridhe an t-aoibhneas fhad ’sa bhithinn ’ga leughadh, oir leam nach robh mi dusan bliadhna dh’ aois. Bha mi cho tric o aite gu aite agus cha robh e soirbh do litrichean no do phaipearan mo leantuinn. Ach gu de do bheachd! ’s ann a chuir mo bhana-charaid choir Mairi, MAC-TALLA ga m’ ionnsuidh leis a phosta, agus ged a chaidh e air chall cha b’e coire Mairi no a phaipeir a bh’ ann. Ach coma co dhiu fhuair mi e; “Ruigidh each mall muileann, ach cha ruig each a bhristeas a chnamhan.” Fhuair mise MAC-TALLA, agus bha barrachd prois orm air a thaileabh na ged a bheireadh i bo air adhairc dhomh ann an Ceap Breatunn; ’s ged a bha e da mhios a dh’ aois bha e cho ur dhomhsa ’s ged nach biodh e ach seachdain. Agus is mi fein a fear a bh’ air mo dhoigh ga leughadh, gu ruige ’s gu robh litir ann bho Cheann Liath coir, agus bu mhaith leam sin; is fior mhaith leam a litrichean a leughadh. An duine gasda, tha mi an dochas gur ann bho dhualchas a tha a cheann liath, agus nach ann le aois no briste cridhe. Bha tamailt orm gu ’n d’ fhuair e ’n dealbh; oir is mi fein tha an dochas nach ’eil Ceann Liath na mhisgeir; ach ma bha bu mho na sin mo mhoit ’nuair thuig mi gu robh e na bhall do Chomunn na Stuamachd. Is maith an t-eiseamplair a tha e toirt do ’n oigridh. Ma tha companach no bana-chompanach a dhith ort, feuch nach dean thu dearmad air gur ann an comunn na stuamachd a gheibh thu an fhior fheadhainn a’s fhearr, ris am faod thu thu fein agus do chuid earbsa. Na dean di-chuimhne air a sin. Is uamhasach an ni a mhisg agus mi-stuamachd; is mor a mhi-riaghailt, a bhochduinn, agus am briste cridhe a tha i ’g aobharachadh. Is tric a chunnaic mi boireannaich air an dalanaich ’s na sineadh leis a mhisg cho cinnteach ri fir. Ni Mac-an-Toisich cuis-mhagaidh do neach sam bith air am bi e ’na mhaighstir. Chaidh mi air thurus do bhaile Nelson, agus fhir mo chridhe, nach ann a thachair an sin rium triuir ghillean coire a Ceap Breatunn air an robh mi eolach an sin—fior Ghaidheil. ’S ann againn a bha ’n uair chridheil. Bha Niall na fhidhlear maith; tha mi an duil gu robh e cho maith ri duine a rug riamh air bogha, ged ’s mor am facal e. Agus mar a robh na gillean air an doigh bu neonach leamsa. Bha “Calum crubach,” ’s gach port Gaidhealach a chuala mise riamh ga sadadh. Cha robh na gillean a dannsadh a thaobh nach ann an tigh-osda a bha sinn; agus ’nuair a sguireadh Niall thoisicheadh Iain air na h-orain. Bu bhinn, blasda a ghabhadh e “Ho mo Mhairi laghach,” “Eilean an fhraoich,” agus “C’ait an caidil an nineag a nochd.” Ged a bha mi fein agus Donnachadh gun moran feuma, dh’ innseamaid sgeulachdan ’n uair a bhiodh Niall agus Iain sgith. Dh’ fhan mi seachdain cuide ris na gillean gasda, agus cha b’ fhada oir leum a bha ’n uine dol seachad. Bha sinn gu leir a fuireach ’san aon tigh; ’se Ban-Domhnullach a Pictou, a bu bhean-tighe, ’s gu dearbh ’s i fein an te a tha coir, geanail. Bha gu leor a stigh dhe na h-uile seorsa, ’s cha robh eis air na gillean; ’s ma bha gach ni ann bha dithis de nigheanan oga, boidheach, stuama ann. ’S ged is nar e ri innseadh, bha mulad gu leor orm fein a’ dol air ais gu ’m obair. Anns a bhaile so bha latha feille againn air co-ainm latha breith na Ban-righ choir. Bha cluichean de gach seors’ againn: ruith, leum, putadh cloiche, agus moran eile. “Agus,” ars’ thusa, “co a bha cosnadh nan duaisean?” Co bha ach na Gaidheil, duais as deigh duais—Gaidheil dhe gach fine—’s iad a bha foghainteach, bras; ’s ann air an gruaidh a bha dreach na slainte. Bha sinn gu leir mar bhraithrean ’nuair a fhuair sinn comhladh; mo thruaighe na chuireadh dragh air mac bodaich againn. Mas e am pearsa eaglais ’s e fior Ghaidheal a tha ann; tha mi an duil gur e aon duine ’s gasda ’thachair riamh rium. Tha nis an samhradh againn—am seinn nan ian—a cuir sunnt is gean air gach duine ’s ainmhidh, a sgeadachadh a chruthachaidh le maise, a cuir fuachd a gheamhraidh fhada as ar cuimhne s’a feuchainn dhuinn cumhachd, maitheas agus fad-fhulangas an Ti mhaith d’ ar taobh, agus a cuir na ’r cuimhne an aimsir anns a sealbhaich an sluagh samhradh gun gheamhradh, aoibhneas gun bhron, oir na lathair tha lan aoibhneas gu brath. Beannachd gu mo luchd-duthcha gu leir; agus moran taing do Mhairi a chuir do m’ ionnsuidh MAC-TALLA. Gu ma fada beo iad le cheile. AN GILLE DUBH. Iun 10, 1899. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am Feillire. IULAIDH, 1899. 1 Di-satharna La na Boinne, 1690. 2 DI-DONAICH VI. Donaich na Caingis. 3 Di-luain 4 Di-mairt Saorsa nan Staidean, 1776. 5 Di-ciaduin Glacadh Lite, 1560. 6 Dior-daoin Breith Phoil Jones, 1747. 7 Di-haoine 8 Di-satharna Bas Righ Alasdair II, 1249. 9 DI-DONAICH VII. Donaich na Caingis. 10 Di-luain Bas Alasdair Mhic-an-Rothaich, 1767. 11 Di-mairt 12 Di-ciaduin Fagail a’ Chrimea, 1856. 13 Dior-daoin Crunadh Righ Alasdair III, 1249. 14 Di-haoine 15 Di-satharna An fheill Mhartainn Builg. 16 DI-DONAICH VIII. Donaich na Caingis. 17 Di-luain Toirt a mach Chawnpore, 1857. 18 Di-mairt 19 Di-ciaduin La Beinn Halidon, 1333. 20 Dior-daoin Glacadh Sruithliath, 1304. 21 Di-haoine Bas Raibeart Bhurns, 1796. 22 Di-satharna La na h-Eaglais-brice, 1298. 23 DI-DONAICH IX. Donaich na Caingis. 24 Di-luain 25 Di-mairt La Harlaw, 1411. 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Posadh Banrigh Mairi ’us Darnlaidh, 1563. 28 Di-haoine 29 Di-satharna (30) Cobhair Doire 1689. 30 DI-DONAICH X. Donaich na Calngis. 31 Di-luain MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 7, U. 4, M. 17 F. A Cheud Chairteal L. 15, U. 7, M. 45 F. An Solus Lan L. 22, U. 5, M. 27 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 29, U. 8, M. 28 M. Cha bu choir do Ghaidheal sam bith aig am bheil meas air a chanain a bhi as aonais MHIC-TALLA. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 16] [Vol. 8. No. 2. p. 8] Sgialachd na Troidhe. An Dara Duan. AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC-EACHAINN. Taisbeanadh an Fheachda; agus aireamh nam Fineachan Greugach agus Troidheach. Shuidh cach air cathraichean, cruinn, ’S an ard-shlinntrich ghabh gu clos; Ach ghlaodh Thersites gun tamh, Le teis sglannraidh bu bhuan lochd: Bu torach an toibheum beoil— Dolaire ’n aignidh neo-ghrinn; Eisgealachd na uigh ’s gach trath; Air laoich aigh ag gnath-chur binn. Leis-san bu taitneach an radh, A bhrosnaicheadh gair ant shluaigh; ’S e bu mhi-chliuitiche beus, De na sheol bho ’n Ghreig thair stuaidh. Leth-chas bhacach, sgionn-shuil chlaon, Guaillean crom roimhe na ’n stuic, Ceann gogaideach binneach, baoth, ’S cloimh-ghargach air maoil gun sugh. Aicheall, a’s Ulisses aigh, Bu ghrain leis thair chach gu leir: ’S buan a bha dhranndan gun bhrigh, Mu mhac Atreuis, righ nan treun. Le reasg-ghuth piochanach, caol, Dhit an daormunn flath nam buadh. Aon cha robh am feachd na Greig, Nach d’ orduich a chreubh ’s an uaigh. Seo mar bheuchdadh an craos bath:— “’S eadh! ’s eadh! a chinn aird nan cliar, Ciod fath nan iarradas dluth, No ’m beil tiomsach ur ad mhiann? Liuthad tasgaidh de phrais dhaoir, Ga carnadh ri d’ thaobh ’s gach buth; Liuthad ogbhean bho stuaidh aigh; A leag sinn air lar na smur! Ma bhuannaichd mi fhin ’s a’ Ghreig, Bannal ceutach, no toic oir, Bho Throidheach an eiric mic A ghlac sinn gu tric ’s an toir; An aill leat am bun ’s am barr, ’S ciad roghainn nan sar-bhean caoin, Luigheachd nan toillteanach treun, A chaidreamh riut fhein an gaol? Is inisg an ceann air treun an fheachd, Righ miothor fo smachd a mhiann: Fhad ’s a bhios tus’ air an stiuir, Cha dogh gu ’m bi cliu na ’r gniomh. A mhnathan sleamhain gun mheas, De nach gairmear fir nas mo, As thair chuan sibh gu ’r tir fhein, ’S fagaibh righ nan euchd aig Troidh; Fagaibh e ’gur air ur toic, Cosnadh docrach nan cath cruaidh; A’s tuigidh e ’n sin c’iu rinn feum A lamh fhein no neart a shluaigh. Lamh do ’n riaghailt neart gun cheart, ’Thug mi-mhodh do ’n ghaisgeach mhor. Cha sheis’ thu dha ’m blar no ’n ruaig, Ged eignich thu bhuaith a’ choir. Na ’m b’ fheargach ant Aicheall aigh, Seach laidhe mar thraill fo spid, Ghrad-bhiodh ant aintheas na thamh, ’S cha dioladh tu tair a risd.” Deagh Ulisses, dh’ eirich grad, Colg na shuil mar lasair dheirg; Airsan a chain righ nam feachd, Sheall e gnuth ’s thug smachd na ’fheirg: “A bhriosg-ghloirich bheadaidh, bhrein; Cuir fosadh air beul gun mhodh: Thusa toirt oilbheum do righ, Mar bhuanna ’m biodh clith no blagh,— Leibid cho suarach riut fhein, Cha d’ aisig bho ’n Ghreig thair chuan; Air leanmhuinn Chlann-Atreuis aigh, Thoirt theas-bhlar do Throidh nan stuadh. ’S mir-cagnaidh do dhiu nan eisg, Cinn-fheadhna do ’n euchdach gniomh: Thu bruchdadh gamhlais do chleibh, ’S ri tuairisgeal bhreug mu ’n triall. Is dearbhte gur ceist oirnn gu leir, Mu ’n toisg seo, ciod e tha ’n dan, An cas oirnn, no ’n eirich leinn? An tilleadh dhuinn tinn no slan? Thusa ga d’ chnamh as le tnuth Ri buachaille cul ant shluaigh, Ga thathann gu tarsuinn beurr, Bhrigh gu ’n d’ thug gach treun dha duais! C’ait an robh do raths’, a thuaisd, An tiomsach, no ’n cruadal gleois? ’N d’ thug thusa uat riamh a luach, Ach lon luath a’s toibheum beoil? Innseam dhut gu saor an ni— ’S bheirim le fior-chinnt gu teach:— Ma thachras tu orms’ air fonn, Ri ath-sgeig bho chom gun bheachd: Na sheas an ceann s’ air mo chorp, ’S nar eighear orm mac mo ghaoil, Mur fiach mi thu le m’ gharbh-ghlaic, ’S de d’ chairbh bhric gu’n srac mi’m faobh. D’ earradh uachdair a’s d’ arm-bhrat, ’S an leine tha cleith do nochd; ’S d’ iomain ’s an raoicich romh ’n fheachd, Le trom bheumai creuchdach goirt.” Labhair e; ’s ri ghualuinn chruim, Dh’fhiach e ’n colbh le spuinnseadh cruaidh; Chuir esan air amhaich giuig, ’S thaom na deoir gu dluth le ’ghruaidh. Dh’ eirich meall fala air a chroit, Far ’n do spaideadh ant shlat oir; ’S shiab bho mhusg-shuil na ronn-dheoir. Chuir aogasg an Aobhair-bhuirt Iomguin bhroin a null ’s a nall, Ag gaireachdaich mu ’n traill thruaigh, Theab na sluaigh am plosg a chall. (A’ chrioch.) Am Freiceadan Dubh. EADAR. LE MAC-MHARCUIS. [Thainig na rannan a leanas a mach ann am paipear-naigheachd Sasunnach aig an am ’s an robh “Am Freiceadan Dubh” gu seoladh a chogadh ris na h-Ashantees ann an Africa. Cha robh an deise Ghaidhealach air a meas freagarrach do ’n duthaich, agus uime sin dh’ fhag iad as an deigh i.] O, ciod so an sgeula? Ca ’n d’ fhag iad am feile? C’uime boineid a’s brigis an ait’ iteig a’s breacain?— Ann an Africa ’n teas, am measg meanbh-choille ’s phreas, Bho nach freagradh iad doibh chuir iad diubh iad car tacain. Ach cha mhill so an cliu; cha ’n i ’n deise co-dhiu, Tha ’cur balla-chrith air naimhdean ’s a’ fuadach an ceille; Cha ’n i! ach na laoich ’thig o bheanntaibh an fhraoich, ’N uair is Cath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a cheile!” Feuch morachd nam flath ’dol a dh’ ionnsaidh a’ chath! Bidh a’ phiob a’ seinn “Bail’ Ionaraora” gu ceolmhor; Air faiche nam blar chithear gluasad nan sar, Mar aig spaidsearachd-feille, gu h-athaiseach, seolmhor. ’S iad na naimhdean a chi, ’n uair a thig iad gu strith,— Ged a shaol iad an dubh-threubhan borba nach geilleadh— Meud an gaisge ’s an cruadh ’s ’n uair tha ’n ceol ’g a chur suas, A’s a’ Chath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a cheile!” ’N am tarruing nan lann,—le piob-mhoir aig an ceann— An sas theid na Gaidheil le deine do-thilleadh; Le ’n gaisge ’s le ’n trein’ ni iad rathad dhoibh fein, ’S an naimhdean, mar spreidh, bidh ’g an leireadh ’s ’g am milleadh. Na dubh-dhaoin’, am feasd tuille, cha ’n fheith ri aon bhuille; Is leoir dhoibh ma chluinneas iad “Gillean an fheilidh,” Oir bidh aca dearbh-fhios ’n a lorg gu ’n tig sgrios, ’N uair is Cath-ghairm—“Gaidheil ri guaillibh a cheile!” BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichcan fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 17] [Vol. 8. No. 3. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 28, 1899. No. 3. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXI. LATHA TAIMH. Gun dàil sam bith chaidh dithis no triuir dhe na seirbhisich ann am bad a’ bheathaich, agus ann an ùine gle ghoirid, thug iad dheth an t-seice. Ghearr iad ’na cheathrannan e, agus chroch iad air na craobhan e. Aig a’ cheart am bha’n dithis a bhiodh a’ deasachadh a’ bhìdh gu trang a’ faighinn an teine air dòigh, oir bha iad suidhichte gu ’m biodh rud dhe’n fheoil aca air am braicest. Cha robh doigh ann bu fhreagarraiche aig an àm gus an fheoil a dheasachadh na pìos math dhith a ròstadh air an teine. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, faodaidh mi radh, gu’n do dheasaicheadh an fheoil gle mhath. Agus ged a bha fear no dithis dhinn nach robh toileach blasad oirre, an uair a bhlais sinn oirre, thainig i ruinn glé mhath. An uair a bha sinn aig ar biadh, chuir Tomas—ceann an àigh, agus b’ esan sin—saod anabarrach math oirnn. Bha e ’g ràdh, gu’n robh e lan-chinnteach gu’n rachadh cùisean leinn air a’ cheann mu dheireadh cho math ’s a dh’ iarramaid. “Seall sibh,” ars’ esan, “mar a fhuair sinn air aghart gus a so gun tubaist sam bith eirigh dhuinn. Cha do thachair robair, no uile-bhiast ruinn fhathast. Agus chuir am Freasdal biadh math ’nar rathad an uair a bha sinn a’ toiseachadh ri gabhail eagail gu’n ruitheamaid am mach a biadh. Ma bhios sinn uile duineil, tapaidh, treun, agus foighidneach, cha’n eagal nach teid gach cùis leinn gu ar miann, ma chumas an Cruithfhear beannaichte ar slainte ruinn. An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail, chuir sinn ar comhairle ri cheile thaobh ciod bu chòir dhuinn a dheanamh. An deigh dhuinn greis mhath chomhraidh a bhith eadrainn mu ’n chùis, shuidhich sinn gu’m fanamaid aon latha far an robh sinn. Cha bu mhisde sinn ar n-anail a leigeadh an déigh na fhuair sinn de sgìos a’ dol troimh choille ’s troimh gharbhlach fad laithean roimhe sid. Bha sinn gus a sid a’ dol air ar n-aghart glé chabhagach, air eagal gu’m fàsadh am biadh gann oirnn mu’n ruigeamaid ar ceann-uidhe. Ach an uair a thuig sinn gu’m faodamaid biadh gu leor fhaighinn far an robh sinn, thuirt sinn ruinn fhein, gu’m bu cho math dhuinn cùisean a ghabhail gu socrach far an robh sinn fad beagan laithean. Chord so ris na seirbhisich anabarrach math. Ged a bha iad ’nan daoine fallainn, làidir, cruadalach, ghabhadh iad sàrachadh. Bha co-fhaireachadh againn riutha, agus bha fhios againn nach robh e ceart dhuinn a bhith tuilleadh is trom orra. A bharrachd air so, bha fhios againn gu’m biomaid gle chearbach dheth, nan eireadh beud a dh’ fhear seach fear dhinn. Ged a tha e iomchuidh gu leor dhuinn a bhith cabhagach aig iomadh àm, cha’n ’eil e idir iomchuidh dhuinn a bhith cabhagach an comhnuidh. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is e luathair is fhaisge ’mhaille.” Agus am fear air am bi tuilleadh ’s a choir de chabhaig gu fas beairteach, faodaidh gu ’n cuir e, leis a chabhaig, lion a mhillidh m’a chasan fhein. An uair a chuir sinn seachad greis dhe’n latha ’nar suidhe ’s nar sineadh mar bu mhiannach leinn, chaidh triùir dhe na seirbhisich comhladh riumsa ’s ri Tomas, feuch am faiceamaid am biodh e furasda dhuinn faotainn thairis air na creagan àrda ’bha fa’r comhair. Dh’fhan Seumas, agus an triùir eile dhe na seirbhisich far an robh iad, gu sùil a chumail air gach ni a bhuineadh dhuinn. Leis cho tiugh ’sa bha ’choille b’ fheudar dhuinn comharradh a ghearradh anns na craobhan air eagal nach rachadh againn air amas air an rathad an uair a bhiomaid a’ tilleadh. An uair a chaidh sinn air ar n-aghaidh greis mhath air an dòigh so, dh’ fhas a’ choille gu math na bu taine, agus o nach robh gualann na beinne air an robh sinn cho creagach is cho cas ris an àite as an d’ fhalbh sinn, dhìrich sinn suas gun mòran stri sam bith. Bha’n latha anabarrach ciùin, agus o nach robh sgòth, no smod sam bith air na speuran, fhuair sinn sealladh math air an tir mu’n cuairt, fad is farsuinn. Mu thuairme sia mile dh’astar ’s an aird an iar-dheas oirnn, bha sinn a faicinn comhnard a bha anabarrach mor, fada, farsuinn, anns nach robh ach gann craobh ri fhaicinn. Dheanamaid am mach gu’n robh tomannan de phreasarlach coille an sid ’s an so air feadh a’ chomhnaird. Dheanamaid am mach gu soilleir far an robh an amhainn a’ ruith, agus gu’n robh i gu math na bu leithne air a chomhnard na bha i far an robh i ’ruith am measg nan creag ’s nam bearraidhean àrda a bha sinn a’ faicinn an àite ’s an àite a togail an cinn am measg na coille. Ged a bha’n latha glé theith, agus gun far an robh sinn de choille ach gann na chum sinn o bhith air ar bruich le teas na gréine, shuidh sinn greis mhath far an robh sinn. Cha robh mise ag radh aon fhacal ri Tomas, oir thuig mi gu’n robh e gu dlùth a’ dol fo ’smaointean feuch ciod bu choir dhuinn a dheanamh. Bha amhrus laidir aige nach biodh e’n comas dhuinn a dhol tarsuinn na h-aimhne air a’ chomhnard, a chionn gu’n robh i anabarrach leithinn. “Feumaidh sinn faighinn tarsuinn air an amhainn so,” arsa Tomas. “A reir an fhiosrachaidh agus an treorachaidh a fhuair mise o dhuine a bha gle eolach air siubhal na dùthchadh so, is ann an cridhe na h-aird an iad-dheas a dh’ fheumas sinn ar n-aghaidh a chumail. Ach o’n a tha leithid de bheanntanan ’s de gharbhlaichean air feadh na dùthchadh, cha bhi e furasda dhuinn ar cursa ’ghleidheadh. Ach air mo shon fhein dheth, cha chaill mi mo mhisneach, ciod sam bith tubaistean no annradh a thig ’nam rathad.” B’ann riumsa ’thuirt Tomas so. O’n a bha na seirbhisich a’ cath-bhruidhne anns a’ chànain Spaintich, cha chreid mi gu’n do thog iad facal dhe’n chomhradh a bha eadar mise ’s Tomas. Cha dubhairt mise moran sam bith; oir cha robh fhios agam gu ro mhath ciod a theirinn. Bha mi anns an àm air thuar tuiteam ann am mimhisnich. Ach cha robh mi toileach mo mhimhisneach a leigeadh ris do neach sam bith. Cha bhiodh e as an rathad dhomh a radh an so, ged a tha mi ’dol thar mo sgeoil, gu’n gabh daoine mimhisneach bhar a cheile, direach mar a ghabhas iad tinneasan gabhaltach bhar a cheile. Agus aon uair ’s gu’m faigh a’ mhimhisneach greim daingean air daoine, cuiridh i gu buileach o fheum iad. Tuitidh an cridhe, agus caillidh iad an neart. Is gann gu ’m feuch iad ri oidhirp a thoirt air rud sam bith a dheanamh. Ach mu dheidhinn Thomais, cha’n ’eil mi ’smaointean gu ’n tugadh rud sam bith a mhisneach uaithe. Bhiodh e aig gach àm cho cridheil ’s cho sunndach ’s cho dòchasach ’s gur gann a chuireadh eiginn no cruaidhichas miapadh sam bith air. A h-uile latha, chitheadh e ann an obair a’ chruthachaidh, no ann an cùrsa an fhreasdail, ni eiginn leis am biodh a dhochas agus a mhisneach air am meudachadh gu mòr. Agus direach mar a mheataicheas mimhisneach aon duine, inntinnean dhaoine eile, bheir deadh mhisneach aon duine, neart inntinn agus cridhe do dhaoine eile, gu h-araidh ma thachras gur ann ri fear na deadh mhisnich a bhios daoine ag amharc air son treòrachaidh agus comhairle. B’e Tomas an ceann-snaoid a bha oirnn gu leir. Agus feumar a radh nach b’urrainn a bhith na b’ fhearr. Dheanadh na seirbhisich rud sam bith air a chomhairle. Agus ged a rachadh iad cearr, mar is minic a chaidh iad, an àite ruith a thoirt air an caineadh ’s air an smàdadh, mar a tha maighstirean gu tric a’ deanamh, is ann a bhruidhneadh e riutha gu ciùin, siobhalta; agus chomharraicheadh e mach dhaibh na nithean a rinn iad cearr, agus mar bu chòir dhaibh an dleasdanas a dheanamh. A dh’ aon fhacal, is e mo bharail gu ’n deanadh Tomas deadh cheannard air reiseamaid, nan do thachair dha a dhol do ’n t-saighhearachd. Ri Leantuinn. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. IV. Air latha araidh thuirt nighean an righ ri’ h-athair, “Tha toil mhor aghaibh gu’m posainn, agus tha sibh a’ smaointean gu’m biodh toileachadh mor agam nan deanainn e; ach c’aite air an t-saoghal am faighinnsa luchairtean cho maiseach, agus garaidhean cho taitneach ’s a dh’ullaich sibh fhein air mo shon? Cha ’n ’eil mi fo chuing sam bith, agus tha mi ’faotainn a’ cheart uiread a dh’urram ’s a tha sibh fein a’ faotainn. Ma phosas mi, cha bhi e’n comas dhomh a bhith anns an t-suidheachadh shaorsail, thaitneach so. Is gle thoigh leis na fir smachd a bhith aca air na mnathan, agus cha’n ’eil toil agamsa bhith fo smachd aig fear sam bith.” An ceann uine na dheigh sid tha inig teachdairean o’n righ cho beairteach agus cho cumhachdach ’s a bha anns a’ chearn ud dhe’n t-saoghal, a dh’iarraidh nighean righ Shina ri ’posadh. B’e so an tairgse posaidh a b’fhearr a fhuair i riamh, agus bha a h-athair ’ga sior chomhairleachadh gus an tairgse a ghabhail; ach ghuidh i air a h-athair, gun an corr a radh rithe mu’n chuis. Ach an uair a lean [TD 18] [Vol. 8. No. 3. p. 2] e tuilleadh is fada air a comhairleachadh, chaill i a foighidin, agus leis cho cas ’s a dh’fhas i, dhichuimhnich i bruidhinn ri’ h-athair leis an urram air an robh e dligheach mar righ. Thuirt i ris, “Le’r cead, a righ, na cluinneam guth tuilleadh mu dheidhinn posaidh. Tha mi mar tha seachd sgith a bhith ’g eisdeachd ris na comhairlean a tha sibh a toirt orm. Mur grad sguir sibh dhe mo chomhairleachadh, stobaidh mi an sgian so nam chridhe.” Ghabh an righ fearg mhor an uair a chual’ e na briathran so, agus thuirt e, “Tha thu ’n deigh a dhol as do chiall buileach glan, a nighean. Feumar do grad chur an sas.” Gun dail sam bith dh’ordaich e gu’m biodh i air a druideadh a steach ann an aon dhe na luchairtean, agus nach biodh aice ach deichnear de mhnathan-frithealaidh. A bharrachd air so, chuir e fios a dh’ionnsuidh gach righ a bha faisge air a dh’innseadh dhaibh gu’n robh a nighean am muigh ’s am mach a’ cur an aghaidh fear sam bith a phosadh. Cha robh dad de theagamh aige nach b’ann as a ciall a bha ’nighean a chionn gu’n robh i cho fad an aghaidh posaidh; agus air an aobhar sin, chuir e fios a dh’ionnsuidh a h-uile righ a b’ aithne dha feuch an robh luchd-sgile anns na luchairtean aca a leighiseadh a nighean. Agus fear sam bith a leighiseadh i, bha e gus a faighinn ri’ posadh. An uair a dh’innis am fathach na nithean so do’n bhean-shithe, thuirt e, “Tha h-uile facal a thuirt mi riut fior gu leor. Tha mi dol a h-uile latha a dh’fhaicinn a’ bhoirionnaich mhaisich so. Olc ’s mar a tha mi gu nadarra, cha do smaoinich mi riamh cron sam bith a dheanamh oirre. Is i mo chomhairle dhut a dhol a dh’aon ghnothach g’a faicinn. Cha bhith dad a dh’aithreachas ort air son a dhol ann, agus bhiodh fhios agad gu’m bheil mise ag innseadh na firinn dhut. Ma dh’iarras tu orm falbh comhladh riut, treoraichidh mi thu dh’ionnsuidh an aite anns am bheil i. Cha ’n ’eil teagamh agam nach biodh tu fada ’nam chomain air son sealladh dhi fhaotainn.” An aite freagairt a thoirt air an fhathach, is ann a rinn a’ bhean-shithe lasgan mor gaire; agus o nach robh am fathach a’ tuigsinn ciod a bha ’na beachd, ghabh e ioghnadh gu leor. An uair a bha i sgith gaireachdaich, thuirt i, “Gle cheart! tha toil agad gu’n creidinnsa a h-uile facal a thubhairt thu. Bha mi ’n duil gu’n robh thu ’dol a dh’innseadh naigheachd iongantach dhomh; ach is ann a dh’innis thu dhomh mu bhoirionnach a tha air a dhol thar a beachd. Mo naire, mo naire! Ciod a theireadh tu, ’fhathaich mhollaichte, nam faiceadh tu am prionnsa maiseach a chunnaic mise an drasta, agus dhe’m bheil tlachd mor agam? Tha mi deimhin gu’n aidicheadh tu gur e moran a’s briagha na’m boirionnach air am bheil thu bruidhinn. “A Mhaimoun mhaiseach,” ars’ am fathach, “am faod mi fheoraich dhiot co e am prionnsa air am bheil thu ’bruidhinn?” “Dh’eirich a’ cheart ni dha ’s a dh’ eirich do’n bhana-phrionnsa air am bheil thusa ’bruidhinn. Tha toil aig ’athair toirt air posadh an aghaidh a thoile; ach a dh’aindeoin na their ’athair ris, tha e suidhichte nach pos e te sam bith. Air a shon so, thug ’athair ordugh a ghlasadh ann an seana chaisteal. Is anns a cheart chaisteal a tha mise ’fuireach, agus tha mi direach air tighinn as an drasta fhein.” “Cha ghabh mi orm fhein a radh gu’m bheil thu cearr ’nad bharail; ach gus am faic mise am prionnsa, cha chreid mi gu’m bheil e dad na’s briagha na bhana-phrionnsa air am bheil mi ’bruidhinn. Cha chreid mi gu’m bheil a h-aon eile air an talamh cho briagha rithe.” “Duin do bheul, a spioraid mhallaichte,” arsa Maimoun. “Tha mise ag innseadh dhut gu’m bheil thu mearachdach.” “Cha bhi mi ’cumail connsachaidh riut,” ars’ am fathach; “ach is e an doigh air an dearbhar co dhiubh tha no nach ’eil mise ag innseadh na firinn, gu’n teid thusa an toiseach comhladh riumsa a dh’fhaicinn na bana-phrionnsa, agus a rithist gu’n teid mise comhladh riutsa a dh’fhaicinn a’ phrionnsa.” “Cha ruig mi leas an dragh sin a ghabhail,” arsa Maimoun; “tha doigh eile ann a’s fhearr a fhreagras oirnn le cheile na sin. Theid thusa agus bheir thu a’ bhana-phrionnsa as an aite am bheil i, agus cuiridh tu ’na laidhe air an leabaidh i ri taobh a’ phrionsa. Mar so theid againn air a dheanamh am mach co aca is briagha.” “Dh’aontaich am fathach gu’n deanadh e mar a bha a’ bhean-shithe ag iarraidh air, agus mu’n d’fhalbh e air a thurus gu ruige Shina, thug a’ bhean-shithe air a dhol comhladh rithe a dh’ fhaicinn a’ chaisteil anns an robh am prionnsa air a ghlasadh. ’Na dheigh sin dh’fhalbh e gu ruige Shina air thoir na bana-phrionnsa. Cha robh e fad air falbh an uair a thill e, agus a’ bhana-phrionnsa aige ’na ghairdeanan ’s i ’na suain chadail. Leig Maimoun a steach do’n chaisteil e, agus chairich e a’ bhana-phrionnsa gu socrach ri taobh a’ phrionnsa air an leabaidh. Cha bu luaithe rinneadh so na thoisich cruaidh-chonnsachadh eatorra mu dheidhinn co de’n dithis bu bhriagha. Bha am fathach a’ cumail am mach gur i a’ bhana-phrionnsa moran bu bhriagha, ach cha’n aidicheadh a’ bhean-shithe so air chor sam bith. Agus bha i ag radh gur e an doille a bha ’toirt air an fhathach a bhith ’smaointean gu’n robh a’ bhana-phrionnsa na bu bhriagha na’m prionnsa. Mu dheireadh an uair a bha iad seachd sgith a’ connsachadh mu’n chuis, shuidhich iad gu’n cuireadh iad a’ chuis fo bhreith neach eile. Bhuail Maimoun a cas air an talamh, agus ghrad dh’ fhosgail e. Thainig seann fhathach cam, crotach, agus sia adhaircean air a cheann, a nios as an talamh. Cho luath ’s a thug e an aire do Mhaimoun, thilg e e-fhein ’na shinead air a beulaobh; agus an uair a bha e greis ’na shineadh, chuir e a leith ghluin fodha, agus dh’fheoraich e dhi ciod am feum a bh’aice air. “Eirich ’nad sheasamh,” ars’ ise, “Is e am feum a tha agam ort, gu’n tugadh tu breith eadar mi fhein agus Danhash. Seall air an leabaidh, agus innis dhomhsa, gun chlaon-bhaigh sam bith, co dhiubh a’s briagha am firionnach no am boirionnach sin a tha ’nan sineadh mu d’ choinneamh air an leabaidh.” Sheall e greis mhath air an dithis a bha ’nan cadal air an leabaidh, agus an uair a dh’fhairtlich air a dheanamh am mach co aca bu bhriagha, thionndaidh e ri Maimoun, agus thuirt e, “A bhain-tighearna, feumaidh mi aideachadh gur iad dithis cho briagha ’s a chunnaic suil duine riamh; ach tha e neo-chomasach dhomh a dheanamh am mach co aca is briagha. Mar is dluithe bheachdaicheas mi orra, is ann is duilighe dhomh a dheanamh am mach co de’n dithis is briagha. Ach nam biodh iad ’nan dusgadh, is docha gu’n rachadh agam air breith a thoirt orra. Ach is e an doigh a’s fhearr, aon dniubh a dhusgadh an drasta, agus an aon eile rithist; agus ìs i mo bhreith sa, gur e an aon a’s mo a nochdas de ghaol do’n aon eile is lugha maise dhe’n dithis.” (Ri Leantuinn.) NA TACHDAICH INNSEANACH. Tha seòrsa dhaoine ann an Innsean na h-àirde ’n ear ris an canar na Thugs. A reir na h-uile cunntas a th’againn orra, bha iad ’san dùthaich sin o chionn ùine fhada; ach cha robh eòlas aig na daoine againn orra gus o chionn ceithir-fichead-bliadhna,’nuair a ghlacadh cuid dhiùbh, agus a chrochadh iad airson an gniomharra eagalach. Tha na Tgugs nam fine air leth, agus dealaichte o shluagh na dùthcha. Tha iad a’ tighinn suas air taileas nam fineachan tha iad a’ spùinn agus a’ mort. Is mortairean iad gu leir, air an dlùth-cheangal r’a cheile le laghanan dìomhair, agus sgaoilte air feadh gach cearn do dhùthaich uachdarach nan Innsean. Cha mheirlich iad, ni mò ni iad goid na reubainn. ’Se mort an ceaird suidhichte—ceaird ’us oifig tha iad a’ leantuinn o àm an òige gu àm am bàis. Tha comharraidhean dìomhair, suaicheantas àraidh aca, leis an athnichiad aicheile, ged nach do choinnich iad riamh. Tha iad a’ siubhal na dùthcha, o àite gu h-àite—air uairibh mar cheannaichean—air uairibh a’ leantuinn aon cheaird ’s air uairibh ceaird eile—a’ faotuinn fàrdaich ’us fios mudheibhinn gach aon a tha ri dol air turus, chum an còmhlachadh ’s am mort, agus na th’aca air an siubhal a spùinne uapa. Cha’n e ’mhàin daoine soibhir air a’ bheil an déigh, ach na h-uile daoine is urrainn doibh. ’Se am miann ’s an iarrtas, mort. Ma tha ’bheag ri fhaotuinn ’na lorg, is math; ’s mar ’eil, tha iad suarach; agus siùbhlaidh iad trì no ceithir a cheudan mìle airson aon duine ’chur gu bàs. ’Se so an sùgradh, an toilleachas-inntinn, am eatha; agus mar is mò a mhortas iad ’nan dòigh féin, ’sann, ’nam barail, is sona ’bhios iad ann an saoghal eile. Ma chluinneas iad gu bheil neach air bith, no buidheann is urrainn iad a cheannsachadh, ri dol air asdar troi’n dùthaich, gabhaidh iad coram air eòlas fhaotuinn orra—coiseachd maille riu—toirt dhoibh eachdraidh na dùthcha, air a’ bheil iad min-eòlach, gus am faidh iad coram air an duine thruagh a chur gu bàs. ’Se an doigh anns an àbhaist dhaibh so a dheanamh, a thachdadh. ’Se so is ciall do’n fhocal air a’ bheil iad air an ainmeachadh—na Thugs—’se sin, na Tachdaich. ’Sann le sròl sioda, cosmhuil ris an t-sròl (sash) a chìtear air oifigich-airm, is àbhaist doibh so a dheanamh, air dhaibh o mhinicheas sinn mu’n tig sinn gu criche. Cha’n fheuch iad duine aìr bith a spùinne gus an tachd iad e air tùs; agus ged a b’e an dioldeirc a choinnicheadh iad, leanadh iad e o aite gu àite, gus am faigheadh iad coram air so a dheanamh; agus cha’n fhàg iad corp duine sam bith a chuireas iad gu bàs gun chuir fo thalamh ann an uaigh air a cladhachadh ann an àite dìomhair, dlùth do’n t-slighe air an robh iad ag imeachd. Ma dh’fhaodar na Tachdaich iad féin a chreidsinn, bha na cleachdaidhean eagalach so cumant’ anns na h-Innsean o na linntean is fhaid’ as. ’Sann mar iòbairt do’n dia bhréugach fhuilteach do’m bheil iad a’ deanamh seirbhis a tha iad a’ buadhachadh anns na cleachdaidhean so, am barail gu bheil bàs nam feadhnach tha iad a mortadh ’na ìobairt thaitneach dha! Air uairibh tha ceud agus dà cheud de na Tachdaich a’ siubhal na dùthcha le cheile, leigeil orra gu bheil iad a’ dol air tòir cosnaidh ’us obair, na gu’m buin iad do dh’arm na dùthcha, ’s gu bheil iad a’ dol dhachaidh a dh’amharc an càirdean, air neo pilleadh air an ais a dh’ionnsuidh a’ chath-bhuidheann do’m buin iad. Is [TD 19] [Vol. 8. No. 3. p. 3] àbhaist leo clann òg a ghoid air falbh, agus an àrachadh gu bhi nan Tachdaich, le eud ’us anbharra toileachas-inntinn, a’ smuaineachadh gu bheil iad ’gan àrachadh airson flaitheanas. Cha’n àbhaist leo leanabanan fo aois a thachdadh, ma’s urrainn dhoibh an togail ’s an àrachadh gu bhi nam mortairean, agus imeachd maille riu féin. Ma thachras do bhuidheann sam bith do na Tachdaich mòran spùinne no mòran creiche fhaotuinn air àm air bith, is àbhaist dhoibh cuid dheth ’thoirt do theampull àraidh, no, mar their iad, Pagoda; far a’ bheil sagairtean de’n seòrsa féin—seann Thachdaich aosmhor—a’ tairgse iobairtean do bhan-dia bhreugach ris an canar Calee. Tha uachdaran tharruis air gach buidheann de na Tachdaich, agus oifigich àraidh; s tha riaghailtean seasmhach aca, do’n eigin do gach aon géilleadh. Tha ’chreach air a roinn eatorra, reir nan riaghailtean so. Tha’n deicheamh cuid do gach seòrsa spùinn aig a’ cheannard, ’s a’ chuid eile air a roinn eadar na h-oifigich agus na daoine. ’Se an darna fear is àird’ am meas esan tha ’giùlan an t-sròil leis a’ bheil iad a’ tachdadh nam feadhnach tha iad a’ dol a chuir gu bàs. Tha’n t-sròl so slat air fad—snuim chruaidh air gach ceann dhi—air a giùlan gu cùramach ann am broilleach an fhir ris a’ bheil i an earbsa. Ach tha iad uile teòma air feum a dheanamh dhi, oir tha iad air an cleachdadh ris o’n òige, ged tha aon fhear ris a’ bheil i an earbsa gu sònruichte—’se sin am fear a thug bàrr air càch ’an teòmachd. ’Nuair tha neach ri bhi air a chuir gu bàs, is àbhaist do’n Tachdadair ’tha giùlan a’ chrios shìoda gabhail as deigh an duine thruaigh—coiseachadh aig a shàil, as’ eanachas ris; agus an uair a ni an ceannard fead àraidh, grad thilgidh an Tachdadair an crios mu amhaich an fhir eile. Ni e so co seòlta dheas, ’s nach urrainn do’n chorp a bhi air an làr gus a’ bheil an deò as—a dha shùil a’ leum a mach as a cheann. Ma thachras dasan tha mhiann orra ’chuir gu bàs a bhi làidir calma, tha dithis do na Tachdaich deas gu bhi an sàs, air chor ’s nach ’eil dol as aige. Tha iad co deas, seolta, teòma, ’s gur tric leo dusan, agus air uairibh barrachd, a thachdadh ’sa chuir gu bàs co luath ’s gu’n do thuit iad ’san aon mhionaid, gun uiread a’s sgriach, no glaodh no sann, a chluinntinn uapa. ’Sann ’san oidhche is bitheanta leo daoine ’chuir gu bàs. Feòraichaidh an ceannard ciod e an t-àm a dh’oidhche ’tha e. Air dha so a ràdh, seallaidh càch ris na speuran, a’ beachdachadh air na reultan; agus ni an duine truagh tha iad dol a chuir a dhìth an ni ceudna. Ann an tiota tha’n crios sìoda mu ’amhaich, ’s am prioba na suil cha’n eil deò ann. Tha luchd-brathaidh aig na Tachdaich anns gach cearn de’n tir, a faotuinn a mach c’uin no ciod an rathad air a’ bheil coigrich ri siubhal, ’s a’ toirt fios ciamar a thachras iad orra; agus tha teachdairean aca so a’ ruith o cheàrna gu ceàrna, ’toirt sgeòil air na tha iad a’ faotuinn a mach mu dheibhinn luchd-turuis. Tha’n luchd-brathaidh nan daoine seòlta fearail, air an éideach gu riomhach mar uaislean arda—a’ comhnuidh ’sna bailtean mora, ’s gun fhios aig neach cò iad—a’ faotuinn a stigh do gach tigh a’s cuideachd air tòir naigheachdan, ’s a’ faotuinn sgeulan mu thimchioll gach aon tha falbh no tighinn. Tha’n luchd-brathaidh so taghal cò iad—a’ faotuinn a stigh do gach nantighean-òsda is ainmeil agus is measaile. Ma thuiteas do choigrich air bith tighinn ann air an turus, tachraidh iad orra—ni iad an eolas riu—cuiridh iad ’nan earalasan aghaidh nan Tachdaich—tairgidh iad dol maille riu—’s cha dealaich iad ris na coigrich gus am faidh iad coram air an rathad an càirdean, agus an sgrios. Tha cuid dhiùbh so nan gillean aig daoine mor soibhir—nan seirbhisich aca, agus a’ feitheamh orra, gun fhios aig na maighstirean cò iad. Mar so tha iad a’ brath nam feadhnach do’m bheil iad a’ deanamh seirbhis, agus a’ faotuinn sgeul air gach ni tha tachairt. Tha daoine aig na Tachdaich ris a’ bheil an earbsa na sluic a chladhachadh anns a’ bheil cuirp nam feadhnach tha iad a’ mort air an tilgeadh; agus an uair a thig a’ chuideachd dlùth air an àite, tha iad gu grad a’ leum air na coigrich thruagh agus ’gan tachdadh, ’s ’gan tilgeadh fo’n ùir. Tha gach fear co teòm eòlach air na bheil an earbsa ris féin, ’s gur minig a thachdar fichead fear, ’sa chuirear fo thalamh iad ann am mionaid no dha! Tha so furasd a dheanamh anns na duthcha farsuing sin, far a’ bheil leth-cheud mìle ’us còr o thigh gu tigh. Cha doirt na Tachdaich fuil air chor air bith. Tha oillt orra ro’ fhuil fhaicinn. Is fhearr leo duine ’leigeil as gu buileach na ’fhuil a dhòrtadh. Cha tarruing iad claidheamh, ’s cha chleachd iad airm air bith chum iad féin a dhiom. Tha iad anabarrach seòlta air na nithe sin a chleith ’tha iad a’ spuinne uapsan a chuireas iad gu bas. Loisgidh iad gach paipeir, a’s litir, ’us aodach, a b’ urrainnear a thoirt air aghaidh mar chomhdachadh. ’Te or a’s airgiod a mhain na nithe a ghldidheas iad. Cha’n eil baile-mòr ann an Innsean na h-airde ’n ear anns nach robh cuid diùbh so. ’S gann is urrainnear a chreidsinn an aireamh uamhasach a thuit fo lamhan nam béisdean so, agus an t-anbharra storais a bhuineadh dhoibh. Thugadh cuid dhiubh fo dheuchainn, a dh’aidich gu’n robh iad ceithir-fichead-bliadhna a’ siubhal na duthcha, maille ri ceud-gu-leth do Thachdaich eile, gun dad aca ri dheanamh ach mort agus spuinne—gu’n do thachd iad an ceann a cheile eadar dusan agus fichead fear gach la, fad deich-bliadhna-fichead!! Dh’innis fear dhiubh so, an lathair nam feadhnach a bha ’ga cheasnachadh, gu’n d’thugadh e iad gu aiteachan araidh far na thiodhlaic iad ceud dhiubhsan a mhort iad. Chaidh cuid leis do ghleann nach robh ach tiota beag cul a’ bhaile far an robh a’ chuirt, gus an d’thainig iad gu aite araidh. “Nis,” ars’ esan, “tha seachdnar chorp fo’n tolman so.” Chladhaich iad, agus fhuaras gu’n robh na thubhairt e fior. Dh’innis e dhoibh gu’n d’thugadh e iad air feadh na duthcha, ’s gun comharraicheadh e mach sluic anns an robh na miltean air an cuir fo thalamh de na chuir iad gu bas! Chaidh iad leis do dha no tri aiteachan, agus bha ’chuis direach mar a thubhairt e. Cha mhor nach ’eil na slaidearan eagalach so air an cuir fodha ’nis gu buileach anns na h-Innsibh. Bha da bhaile deug, anns an robh na miltean do shluagh a’ tamh ann an cearnan araidh ’san tir, far nach robh duine beo ach Tachdaich. Loisgeadh na bailtean so, agus sgapadh na beisdean a bha comhnuidh annta, an deigh do sea-fichead dhiubh ’bhi air an crochadh. Tha iad a nis anabarrach faicealach—tha daoine ’nan earalas rompa; agus tha dochas againn, an uine ghoirid, gu’n cuirear as do na cleachdaidhean oillteil eagalach so. Cia uamhasach an saobh-chreidimh ’tha tarruing dhaoine gu leithid so do ghiulan! Gu’n greasadh Dia an latha anns an ruig solus an t-soisgeul na ceardan dorcha sin, a tha an dorchaas agus an sgail a’ bhais!—Cuairtear nan Gleaun, 1842. BRUTUS. “Is e Farmad a ni Treabhadh,” “Bu mhath leam am beachd sin a nearteachadh,” arsa fear bho thaobh thall a’ bhuird, nach d’ thubhairt facal gus a nis. An àite bhi ’g a chur fhéin air thoiseach, ar leam gu ’n robh e feuchainn, fad na h-ùine, gu bhi seachnadh ar n-aire. Bu duine e le folt fada dubh, de choltas òigeil, ach glé ghlasdaidh agus tana. Bha ’shùilean dorcha, fuidh speuclairean, dhe ’n dath cheudna, a’ cur an ceill roimh-laimh, inntinn anns an robh deineas, trom-smuaineachadh agus beothalachd comh-mheasgaichte. “Ach,” ars’ esan, ’s e ’leantuinn, “S e an coslas inntinn’ so mu ’m bheil sibh a’ bruidhinn tha ’togail Bhrutuis cho mor ’man bheachdsa, air chor ’s nach duraichdinn gu ’m biodh e air mhodh sam bith ach mar a bha e. Cha’n fhada bho’n chunnaic mi an dearbh-chluiche so aig a’ Champo Santo anns a chaithir, far an d’ rinn mi mar a b’ fheàrr a b’ urrainn domh chum a ghabhail a steach. Tha gné neamhuidh Shapespeare, coimh-cheangailte, mar a bhi i, ri mor-shimplidheachd agus ciall, ’g a fhagail ’na fhear-taisbeanaidh iomlan agus sicir mu sheann—chaithe’-beatha nan Romanach. ’S ann le oillt tha e ag amharc air gach uile-ghràinealachd agus dheisinn nach ’eil ’n a bheachd-sa comh-chòrdadh ri ealdhain cheirt. ’S anns an t-solus so tha e ’tarruing Bhrutuis. Creididh mi gu’m bu mhath bha fhios aig Shakespeare gur beag tapadh a dheanamh duine ’nuair bhiodh e an iochdar nan tachradh dha bhi dh’ easbhuidh farmaid, ach ’s e tha e a’ cur fa’r comhair gu’m feum a’ chraobh a bheir a mach toradh maith a bhi maith i fhéin. ’S e tha e ’leigeil dhuinne fhaicinn gu bheil farmad a ghnath air udalan, agus an neach a dh’ atharraicheas a bheachd gu tric nach urrainn a bhreith-san gun bhi claon. Ann an Shakespeare tha càil-dhealbhaidh a bhuineas gu léir do ’inntinn fharsuing féin agus tha ’g a fhagail comasach ’bhi taisbeanadh a chomh-fhaireachduinn air mhohh sonruichte ris gach neaah. A bhi nochdadh a leithid so chomh-fhaireachduinn ri neach, coltach rium fhin, a bha gu math gearr-sheallach, dh’ fheumadh e feairtean agus buaidhean àrda bhi aige maille ri fiosrachadh farsuinn mu bheatha a duine air thalamh. ’S e bh’ ann am Brutus, saoilidh mi, duine smuaineachail agus spionnadail, a thug an aire do ’n dealachdainn bh’ eadar mòralachd bheusach nan daoine a threig agus cion blathais agus intinneis muinntir a làithean féin. B’e bheachdsan gu’n robh spiorad an fhior-ghliocais air teicheadh, agus bu duilich leis a bhi faicinn gu’n robh muinntir a ghaoil ’n an codal. Chunnaic Cassius, an duine teinnteach loisgeach sin, na h-uile ni mar bha iad an comh-cheangal ris a’mhodh-riaghlaidh bha gnàthaichte ’s an latha sin, ach tha e ’na chliu do Bhrutus gu’n d’ fheuch ’s gu’n d’ oidhirpich e ri bhi ’g am faicinn gun suil aige ri fein-bhuannachd, Air an aobhar sin tha mi de atharrach barail ruibhse, mor ’s gam beil mo mheas is m’ ioghnadh ri bhur gniomharaibh euchdach anns a’ chogadh thiamhaidh mu dheireadh. Tha mi dhe’n aon bheachd ris a ’Ghaidheil so, oir tha mi meas gu’n robh run na b’àirde an cridhe Bhrutuis na dioghaltais agus fatmad. Anns na h-inntinnibh as cumhachdaiche tha e fios gu bheil ni-eiginn de chionta. Gidheadh, ’nuair a chi fear duine eile ri obair sam bith tha e fior gu’m bi càil na’s fhearr aige fhein gu tòiseachadh. ’S ann mar sin bha Brutus; ’s ann mar sin tha mi meas, tha’n Cinneach Gaidhealach air fad ’nuair a chreidear leo gnr h-e farmad a ni treabhadh. Is trice leis a’ Ghaidheal a bhi an comhnuidh coimhid ’n a dheigh, ach ’s e mo bheachd-sa nach ’eil e feumail do mhuinntir bhi coimhid air ais ri’n sinnsear le h-urram, mur ’eil iad (Air a leantuinn air taobh 22.) [TD 20] [Vol. 8. No. 3. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., IULAIDH 28, 1899. AIMHREIT AN T-SAOGHAIL. Thuirt aon de na fàidhean Eabhruidheach gu’n robh linn aghmhor a’ tighinn, anns nach togadh cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus anns nach fòghlumadh iad cogadh ni’s mo. Ged tha e fior-thaitneach a bhi ’creidsinn gu bheil am cho sèimh, tairis us càirdeil a’ dol a dheanamh rioghachdan na talmhainn ait do bhrigh nach bi feum air sleagh no claidheamh, no innleachd marbhaidh air bith, feumaidh sinn aideachadh nach eil gathanna fàbharach na gréine so fathast r’am faicinn anns an iarmailt. Tha eagal trom orm nach eil Coinneamh na Sith, air an cuala sinn iomradh làidir re na bliadhna so, ’dol a thabhairt moran maith no neirt do shith us do sheasgaireachd an t-saoghail. Is e ’n t-ainm ’sa chliù a tha aig Ruisia, gu bheil i daonnan féineil, carach, breugach, cuilbheartach; agus gu bheil e ceart us iomchuidh nach teid muinghin mhor no bheag a chur ’n a geallaidhean us ’n a briathran seòlta, cealgach. Cha’n eil aobhar air bith a bhi saoilsinn gu’n dean Coinneamh na Sith aig an Hague anns an Olaint, tàbhachd air bith ann an lughdachadh nam feachdan lionmhor, uamhasach a tha rioghachdan na Roinn-Eòrpa, cumail suas. Gabhaidh gach rioghachd, gun amharus, a slighe féin, agus cha tabhair a luchd-comhairle feairt air achmhasan no air riaghailt neach no coinneimh air bith. Leanaidh gach righ us rioghachd am barail féin mu dheibhinn am feachd air muir ’s air tir, us mu dheibhinn gach innleachd cogaidh agus marbhaidh a ghleidheas iad saor no a dheasaicheas iad airson latha na stri ’s na connspoid. Thog Staidean America guth làidir aig Coinneamh na Sith airson gach cùis us imcheist a dh’eireas eadar na rioghachdan a chur fa chomhair breith-réite, no fa chomhair daoine comasach, firinneach a roghnaicheas luchd-riaghlaidh nan rioghachdan aig am bheil trioblaid no casaid an aghaidh a cheile. Gu cinnteach bhitheadh e ’na bheannachadh mor do’n t-saoghal gu leir nam bitheadh e comasach gach cùis dhraghail a shocrachadh gun dortadh fola air bith. Cha’n ann gun snodha gàire ’ghabhas sinn beachd ann an Canada air dealas anabarrach nan Staidean as leth gach ni ’s cùis a shocrachadh ’s a cheartachadh le breith-réite, no le gliocas us comhairle neach no rioghachd no dha. On tha na Staidean cho lan de ghràdh us eud as leth breith-réite, carson, mata, nach eil iad toileach air cuis thrioblaideach Alasca eadar iad fein agus Canada, ’chur fa chomhair tuigse ’s breith chothromaich daoine ionraic us chothromaich air bith. Bha ceithir no coig de luchd-riaghlaidh maille ri fear-lagha ainmeil bho Bhreatunn; agus ceithir no coig de dhaoine eolach us teoma anns na Staidean fein, cruinn le cheile ann an Cuebec ’s ann a Uashington re ùine fhada an uiridh airson cuisean a reiteachadh eadar na Staidean agus Canada. Chosd an obair ard fhuaimneach so leis gach cuirm us faoilidheachd ceithir mile deug air fhichead dolair do Chanada. Bha comas foghainteach, mar sin, air a thoirt dhaibh-san a bha ’seasamh os leth ’s an ainm Chanada, onoir Chanada us Bhreatunn a chumail suas gu ceart. Cha do shoirbhich gu ro-mhath leo-san a dh’fheuch ri cùisean a reiteachadh eadar sinn fein agus na Staidean. Tha sinn fior-thoilichte gu’n do nochd luchd-riaghlaidh ar dùthcha duinealas treun os leth còirean dligheach Chanada. Tha Laurier agus a luchd-comhairle gle fhiosrach gu’n d’ fhuair na Staidean tuille mor ’sa bu chòir daibh fhaotainn anns na cùmhnantan a bha air an deanamh anns na laithean a dh’fhalbh. Cha leig Laurier no luchd-riaghlaidh air bith ’na dheigh so, leis na Staidean buaidh no buannachd air bith fhaotainn nach eil onorach us ceart us firinneach. Is bochd ’s is truagh a thig e do rioghachd mhor, bheartach cosmhuil ris na Staidean, a bhi deanamh oidheirp ’s a bhi iarrtasach, ann an doigh nach eil duineil no cliuiteach, air a’ chuid a’s fhearr fhaotainn anns gach cùis a bhitheas eadar iad fein agus Canada, no rioghachd air bith eile. Cha’n eil an ùine ach goirid on fhuair sinn fios gu bheil Clondaic lan oir, agus nach eil ceann no crioch air pailteas us luach an oir a tha anns a’ chearna iomallaich ud do Chanada. Is ann faisg air Alasca ’tha an Clondaic. Cheannaich na Staidean Alasca bho Ruisia. Cha robh anns na laithean ud moran cùraim air a ghabhail airson gach cùmhnant a dheanamh direach, làn, us gun teagamh air bith, eadar rioghachdan d’am buineadh fearainn a bha fada air falbh agus air bheagan luach. Air beul-thaobh Chlondaic, no eadar e ’s an Cuan Sàmhach, tha crimean aimhleathan fearainn air am bheil na Staidean ag agairt còrach, a’ cumail a mach gu buineadh an crimean talmhainn so do Ruisia. Cha bhitheadh gu brath an crimean fearainn so luachmhor ann an seadh air bith, mur bitheadh or air fhaotainn ann an Clondaic. Tha sinn ann an Canada, gu nàdurra, iarrtasach air rathad iaruinn a bhi againn troimh ar tir féin, bho Chlondaic gus a chuan. Cha deachaidh fathast an t-eadar-dhealachadh a tha eadar fearann Chanada us nan Staidean anns an àirde ’n iar thuath, a reiteachadh. Nam bitheadh na Staidean càirdeil, ceart, thigeadh iad gu cordadh le Canada mu dheibhinn cuibhrionn de’n fhearann nach eil a’ giulan maith no luaich moir do na Staidean, agus a dheanadh comhnadh mor do Chanada, nam faigheamaid coir dhligheach air. Tha càirdean eolach Chanada ’creidsinn gu buin an crimean fearainn so do Chanada co-dhiu, ma gheibh i coir us ceartas. Tha beachd eile aig na Staidean, agus ged bha iad a’ seinn oran binn us blasda na breith-reite aig Coinneamh na Sith anns an Olaint, cha’n aontaich iad gu teid an crioman fearainn ud a chur fa chomhair daoine glic us foghluimte ’s measail air bith, airson am beachd cheart us fhirinneach iarraidh agus fhaotainn. Cha’n urrainn neach air bith innseadh an diugh ciamar a thig crioch air cùis Alasca, agus an crioman fearainn a tha ri taobh a’ Chuain Shàmhaich. Tha ’n t-or a’ tighinn gu pailt bho Chlondaic. Tha saoibhreas oir air nach eil againn ach fiosrachadh gann fhathast, ann an Clondaic agus ann an iomadh ionad eile air am bheil seilbh aig Canada. Mur bi i comasach air rathad iaruinn a chur gus a’ Chuain Shàmhaich troimh a fearann féin, feumar an rathad iaruinn a thogail co-dhiu, agus ann am fearann Breatunnach, ged a bhitheas a slighe gu buileach mu dheas de’n chrioman d’ am bheil na Staidean a’ tabhairt spéis iongantach. CONA. Cha’ n eil cuisean eadar Breatunn agus an Transvaal aig an am so ach mi-fhoiseil gu leor. Tha Breatunn ag iarraidh shochairean d’ a h-iochdarain anns an Transvaal nach eil seana Phol Cruger agus a luchd-riaghlaidh air son a thoirt dhaibh, agus tha sin ag aobharachadh comhstri nach beag. Bhatar an duil, o chionn seachdain no dha air ais, nach toireadh ni air bith air Cruger striochdadh ach cogadh, ach ’nuair a thuig e nach b’ ann mar mhagadh, ach a cheart da-rireadh, a bha Breatunn, theann e ri tarruinn air ais. Tha e nise ’fas coltach gu’m bi na sochairean a tha dhith orra air am buileachadh, an uine ghoirid, air na Breatunnaich ’s air coigrich eile ’tha chomhnuidh ann an tir Chrugeir. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. [TD 21] [Vol. 8. No. 3. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha cheud bhuntat’ ur air a thoirt do’n bhaile Di-satharna ’sa chaidh. Chaidh a chreic air da dholair am buiseal. Chithear ann an ait eile sanas bho J. C. Mills, a tha air toiseachadh ri ceannachd anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich. Tha am feur gle ghealltanach anns an duthaich air an t-samhradh so, ged a tha e an iomadh aite beagan air deireadh air mar a bha e ’n uiridh. Ma bhios side mhath ann air son a ghearradh ’sa thiormachadh, bidh na tuathanaich na’s pailte feoir na bha iad o chionn aireamh bhliadhnaichan. Tha dochas againn gu’n tig aireamh mhor de luchd-gabhail ur a stigh ris a MHAC-TALLA air an t-samhradh so. Cha’n eil e ach saor—dolar ’sa bhliadhna—agus bu choir e bhi aira ghabhail ’s air a leughadh leis gach teaghlach Gaidhealach a tha ann a Canada ’s anns na Staidean, gun ghuth a thoirt air Gaidheil dhuthchannan eile. Chaochail an Coirneal Robert Ingersoll Di-haoine s’a chaidh, aig aois tri fichead bliadhna ’sa sia. Bha e ’na oraidiche cho ainmeil ’sa bha ’sna Staidean, agus ’na ana-criosduidh cho mor ’sa bh’ air an t-saoghal. Sgriobh e aireamh leabhraichean anns an robh e cur an ceill bheachdan a bha calg-dheireach an aghaidh a chreideimh chriosduidh. Tha sinn o chionn mios no dha, air iarrtus chairdean, a’ cur aireamhan dhe’n MHAC-TALLA gu muinintir an sud ’s an so nach eil ’nan luchd-gabhail, an dochas gu’n taitinn am paipear riutha agus gu’n cuir iad ga iarraidh. Cha’n eilear a dhol a leantuinn air a chur gu neach sam bith dhiubh sin ach uine ghoirid, mur cuir iad fios ugainn gu bheil iad air son a ghabhail. O’n shuidh a pharmlaaid air an turus so, chaochail ceathrar de bhuill Tigh nan Cumantach, agus aon bhall de’n t-Seanadh. Bha iad uile ’nan daoine tapaidh, a bha daonnan a saoithreachadh gu dian os leth math an duthcha. Ach cha seachainn am bas ard-inbhe no ughdaras; feumaidh gach neach triall air ’aithne nuair a thig ’am Cha’n eil priosan na siorrachd so gu bhi na aite cho seasgair ’sa bha e roimhe so. Tha aig na priosanaich an deigh so ri bhi ’g obair gach latha a piocadh cocrach-chalcaidh; fear a dhiultas a roinn iomchuidh dhe sin a dheanamh, tha e ri bhi air a pheanaisteachadh. Tha so ’na riaghailt gle cheart, agus ’se ’s docha gu’m bi e ’na mheadhon air aireamh leisgeadairean a chumail o bhi nan uallach air an t-siorrachd. Ghabh fear Uilleam Andrews, a mhuinntir Nobha Scotia, as laimh a dhol tarsuinn an Atlantic ann am bata da throigh dheug a dh’fhad. Dh’fhalbh e air a thurus air an ochdamh latha deug dhe’n og-mhios; chaidh a thogail an la roimhe mu cheud mile o chladach an iar na h-Eirinn, ’se faisg air a bhi marbh leis an sgiths ’s leis an annradh. Cha robh e ’n comas dha tir a ruigheachd, ach ’sann a tha e iongantach gu’n d’ rainig e cho fada null. Fhuaireadh corp paisde anns an uisge faisg do’n laimhrig aig Barracks Point feasgar anmoch Di-ciaduin. Rinn na dotairean a mach gu robh e mu thri latha dh’aois. Cha’n eil fhios co leis e, ach thatar a feuchainn ris a chuis a rannsachadh a mach. Cha robh an teine ann am meinn Chaledonia air an t-seachdain s’a chaidh, cho dona ’sa bhatar an duil aig an am. Fhuaireadh a chasg gun moran dragh, agus thoisich an obair toiseach na seachdain so mar a b’ abhaist. Bha meinn an Dominion ’na tamh latha no dha deireadh na seachdain s’a chaidh, na drivers ag iarraidh tuilleadh turasdail, agus a diultadh a dhol a dh’obair gus am faigheadh iad e. Chum sin na gearradairean ’s an luchd-obrach eile o’n obair, agus cha deachaidh a bheag de ghual a chur a mach fad thri latha. Chaidh dithis dhe na gillean a dh’obair Di-haoine, ’s fhuair iad droch ghabhail orra o’n companaich air an oidhche, ach cha do chum sin iad o dhol a dh’obair an ath latha. Di-luain chaidh na gillean uile gu’n obair, ach bha mu dhusan de na ceannardan air an cur as an obair gu buileach. Iadsan a Phaigh. Fionnladh Mac-an-Toisich, Arrochar, Assa. F. A. Gemmel, Selkirk, Man. Murchadh Mac Leoid, Selkirk Man. Dr. D. H. Domhnullach, Welsford, N. B. Eachunn Mac Fhionghain, Priceville, Ont. Seumas Mac Gille-mhaoil, Brodie, Ont. Iain Grannd, Lagan, Ont. A. N. Mac Leoid, Leebuin, Ont. Uilleam Ros, Island Falls, Maine. Iain G. Mac Eachuinn, Wobnrn, Mass. Murchadn Mac-an-Saoir, Twin Bridges, Montana. Dr. Fearchar Mac Fhearghais, New York. Bean D. Mhic Fhionghain, Mooreton, North Dakota. C. L. Nic-an-t-Saoir, Provincetown, Mass. D. D. Mac Gilleain, High Bank, E. P. I. Dr. Alasdair Ros, Alberton, E. P. I. Domhnull Mac-a-Phearsain, Antigonish, NS An t-Urr. Iain Mac-an-Toisich, Hopewell, D. I. Moireastan, Halifacs, Aonghas Mac Aonghais, Georgeville. Iain Jack, Bombay, India. Ruairidh Mac-a-Phi, Minglay, Barra, Alba. Gillecriosd Mac Rath, Baile-phluic, Alba. Cailean Siosal, Lunnainn, Sasuinn. E. Hepburn, Lunnainn, Sasuinn. A. Dawson, Lunnainn, Sasuinn. Ian Mac Coinnich, Lunnainn, Sasuinn. Domhnull Mac Amhlaidh, Glace Bay. Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien. Uilleam F. Mac Raing, Acarsaid Mhabou. Alasdair Bain, Port Hawkesbury. Domhnall Caimbeal, Baddeck Mhor. M. J. Mac Neill, cul a Phoin Mhoir. Domhnull Beutan, cul Phort Hood. Murchadh Mac a Phearsain, cul Phort Hood. R. A. Mac Asguill, Fourchu. Niall Mac Gilleain, Fourchu. Niall Mac Gilleain, Hillside, Boularderie. Alastair Mathanach, Sidni. Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni. Bean Thormaid Mhic Aonghais, Ingonish. A. I, Mac Fhearghais, Caribou Marsh. Ruairidh MacCoinnich, eildar, Sidni Forks. Seumas Patterson, Sidni Forks. Uilleam Patterson, Sidni Forks. Alasdair Mathanach, Malagawatch. A. B. Domhnullach, Meat Cove. Coinneach Mac Gill-fhinnein, an Amhuinn Mheadhonach. Ruairidh Mac Coinnich, Xmas Island. D. D. Mac Pharlain, S. W. Margaree. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 22] [Vol. 8. No. 3. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 19.) dearbhta gur dligheach, dhaibh e. ’S e an dleasdanas, tha mi meas, bhi dearcadh air braighe nam beanntan mar mhuinntir tha feitheamh ri bristeadh-latha. Tha dleasdanas na ’s àirde aig an duine na lòn a sholair dha fhein, agus measaidh mi ’n a chliu mor e gu bheil an ‘Cairdeas Gaidhealach’ ’n a ni tha do thuigsinn dhomhsa. Gidheadh, saoilidh mi, gu ’n dearbh an Eachdraidh gu bheil ni-eigin de’n Spiorad sin anns na Gaidheil a bha’n an Cassius o shean. ’Nuair a bha mi a’ cnuasachd aig Oilthigh ainmeil Dhuineidin tha cuimhne agam gu ’n robh e mar shuaicheantas am measg nan Gàidheal, ‘Clanna nan Gaidheal an guaillibh a cheile,’ ged bhiodh e ’na b’fhirinniche a radh ’an sgornanaibh a cheile.’ ‘An guaillibh a cheile’ gu dearbh! Nach robh iad mar bu trice eas-aontach, mi-thoilichte le cheile, air am bleith le naimhdeas do gach a cheile? Gun teagamh bha iad ri uchd gàbhaidh nan gaisgeich chruadalach neo-ghealtach, ach saoilidh mi gun do dhearbh iad air iomadh uair nach robh iad idir cho macanta ’s a b’àill le’n sliochd a bhi creidsinn. Air latha Chuil-fhodair tha fhios againn nach robh Clann-Domhnaill cho fiughantach ’s a bu choir daibh; cha deachaidh iad ceum air an aghaidh a chionn ’s nach d’ thugar dhaibh onoir na laimh’ dheis’—ni a b’abhaist daibh a bhi sealbhachadh bho’n chuireadh blar Allt-a-Bhonnaich. An robh daoine riamh na b’ fhein—dhiongmhalta? na b’ fhein-sheasmhaiche? An robh muinntir riamh mu’n cualas a thug dearbhadh cho soilleir nach b’ airidh iad air a bhi seasamh far am bu dual daibh? An do nochd fine sam bith gu so gu’n robh iad a’ chionn thuis is trocair? gu’n robh iad ’g an toileachadh fein is dhaoine eile le seirbhis sul? Ma dh’fhaodte gu’n robh beagan diubh a rachadh sios le deagh-thoil, ach cha robh mhuinntir sin ach tearc. A chuid mhoir dhiubh, bha iad a chion creideimh anns gach ni caomh is macanta, agus uime sin cha b’ urrainn daibh ach a bhi ag oibreachadh tre fharmad agus stri. Is e farmad, ’nam beachd-san a ni treabhadh—ni is e teagasg an t-sean-fhacail. Gidheadh nach tric tha muinntir a tighinn beo air biadh a tha ro meartmhor air an son, agus uime sin an ni a bhrosnaicheas iad air àm, aig àm eile nach tric a ni e claoidh orra? Ach gus an fhirinn innseadh, ’s e mo bheachd-sa nach urrainnear an sean-fhacal a dh’ ainmich mi a ghabhail gu buileach anns an t-seadh so. Cha chreid mi gu bheil e gle shean. (Ri Leantuinn.) Bha an t-Um. Calum Caimbeal, Srathalba, E. P. I, agus a cheile, air chuairt ghoirid an Ceap Breatuinn air an t-seachdain so, ag amharc air an cairdean. LITIR A CEAP NOR. O sgriobh mi ma dheireadh tha’n aimsir air a bhi fior fhreagarrach a chum a thoirt air an talamh deadh thoradh a ghiulan, ’s mar sin cha chluinnear aon duine gearan air tiormachd, ach cha rachainn idir an urras nach eil cuid a’ gearan gu bheil sinn a’ faotuinn tuilleadh ’s a chòir dhe ’n uisge. Tha mhòr chuid de shluagh an t-saoghail gle dhuilich an riarachadh. Air Di-haoine s’a chaidh shil fras throm de chlach mhealain. Bha mòran dhuibh thairis air dà òirleach ann an cuairt-thomhas, ach o nach robh gaoth a seideadh aig an am cha d’ rinneadh call sam bith leatha. O chionn cho’-la-deug dh’ eug Iain Domhnullach, fear gleidhidh tig-soluis Mhoney Point. An deigh dha dol gu math am feabhas o’n ghrip, ghabh e fuachd a dh’aobharaich a bhas. Ged bha cuid am barail gu’n rachadh duine eile ’chur ’na aite ’n uair thugadh an t-srian do Laurier, cha deachaidh dragh sam bith a chur air. Bha e cumail gach ni an òrdugh cho math ’s nach biodh e fior fhurasda duine fhaotuinn a bheireadh barr air. B’ann le athair-san, Alasdair Mor, a dh’ atharraicheadh a chlach a dh’ fhairtlich air triuir dhaoine cumanta a thiunndadh a mach as an ionad ’s an robh i air larach loch Chalum Chille, ’s an Eilean Sgiathanach. Am feadh ’s a bha na daoine ’gabhail an dinneir thug Alasdair an sas anns a chloich, agus le uile neart a chur an cleachdadh chaidh aige air a tiunndadh a mach a thiotadh. ’Se bu shine de theaghlach athair. Rugadh e ’s a bhliadhna 1804, agus dh’ eug e ’na sheann duine o chionn beagan bhliadhnaichean. Cha ’n ’eil an diugh an lathair de theaghlach athair, Iain Mac Dhomhnuill Bhain, ach Anna agus Gilleasbuig. ’S gearr an uine gus am bi gach aon dhiubhsan a thainig air imrich as an t-Seann Duthaich do’n aite so, air dol as an t-sealladh. Tha duil againn gu’m bi an comanachadh ’s an eaglais Chleirich an so air an t-Sabaid ma dheireadh de’n mhios. Tha mac a’s oige an Urr. Lachunn Beutan air a bhi ’na laidhe gu h-euslan o chionn beagan laithean, ach tha sinn an dochas gu ’n teid e’m feabhas gun dail. B’ ann goirid an deigh an am so an uiridh a chaill Mr. B. an aon phaisde, nighinn a bh’ aige, ’s mar sin tha’n tuilleadh co-fhaireachadh againn ris aig an am so. Saolam fhein a bheil fios aig duine beo gu de ’s ciall do’n t-seorsa bata-smuide tha ruith an ainm a bhi deanamh gnothuich ris na cladaichean so, eadar Sidni agus Camus na Feola. Faodaidh e bhi gu bheil an bata laidir gu leoir, ach ’s fheudar gu bheil a ciud innealan fada o bhi an ni bu choir dhoibh a bhi, ar neo cha bhiodh i cho tric an eisiomail bata slaoididh. Air an t-seachdain so fhein thog mnathan Dhomhnuill agus Mhurchaidh orra gus a dhol air chuairt ghoirid do’n bhaile mhor. An deigh dhoibh faotainn air bord a bhata, thog i rithe gu tuath gus an d’ rainig i cho fada ri Camus na Feola. As a sin thog i rithe air a h-ais gu Sidni; ach coma leat, mus gann a rainig i ’n Acarsaid Nuaidh, bhrist iaruinn eiginn a bhuineadh do’n taosgair (pump) air chor ’s nach gabhadh e oibrerchadh; agus air dhoibh-san a bhi gun fhios aca nach faodadh i’n uine ghearr lionadh le uisge agus dol do ’n ghrunnd, gu de rinn iad ach an ceud chothrom a ghabhail air am buinn fhaotainn air talamh tioram. Anmoch air feasgar an la maireach, ’n uair a shaoil sinne bha iad a sraid-imeachd ann an Sidni, gu de b’ iongantaiche na’m faicinn air an giulan ann an carbad a dh’ionnsuidh air dorsan. Faodaidh fios a bhi agad fhein gu’n mhol sinn iad gu math ’s gu ro mhath air son cho sgiobalta ’s a chur iad an cuairt, ach a dh’ aindeoin molaidh ’s eile cha b’urrainn sinn smid fhaotainn asda de naidheachdan a bhaile mhoir. M. D. Ceap Nor, Iulaidh 21, ’99. ’S ann an uair a’ s gainne ’m biadh is coir a roinn. ’S mine min na gran ’s mine mnai na fir. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. J. E. EISAN. PIANOS AGUS ORGAIN. AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, C B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do’ m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B [TD 23] [Vol. 8. No. 3. p. 7] An t-Oganach agus am Bas. Tha e air aithris gu ’n d’ thainig am Bas aig am araidh a dh-ionnsaidh gille oig agus dh’innis e dha gu ’n d’ thainig e g’ a iarraidh. “Cha ’n ’eil sin coltach,” fhreagair an gille, “mise nach do bhlais ach gle bheagan de thoilinntinnean na beatha—thoir thu fein as gu ceann fhichead bliadhna co dhiu, gus am pos mi agus am meal mi tomhas de shasachadh an t-saoghail.” Dh’fhag am Bas e air an am. Thainig e rithisd mu cheann na h-uine ’chaidh ainmeachadh. “O, bhochdainn!” ars’ an duine og, “an d’ thainig thu cheana?” Fhreagair am Bas, “Nach do dheonaich mi dhuit an dail a dh’ iarr thu?” “Ach,” ars’ an duine, “nach ’eil thu ’faicinn leis an iomaguin ’s an dragh a th’ agam a’ togail mo theaghlaich nach d’ fhuair mi fhathast a’ bheag d’ an toileachadh ris an robh suil agam,—bi falbh gu ceann fhichead bliadhna eile; bithidh an sin mo chlann air an togail agus comasach air son cothachadh air an son fhein.” Dh’ fhag am Bas e a rithisd ’s cha do thill e gus an robh an duine mu thuaiream tri fichead bliadhna dh’ aois. “Cha’n fhaod e ’bhi nach ’eil thu nis air do lan shasuchadh leis an t-saoghal,” ars’ am Bas, “air chor agus gu ’n tig thu leam a nis gun do shuil a bhi ’n a dheigh.” “Fhuair mi gu cinnteach uine chuimseach ach bu mhomha mo charraid na mo thoileachadh. Thar leam, a nis na ’n deonaicheadh tu fathasd dhomh beagan bhliadhnachan a chaithinn ann an sith ’s an suaimhneas, gu’m falbhainn leat air bheag doilgheis; ach cuimhnich gu’n cuir thu tri comharan am ionnsaidh m’ an tig thu, a thoirt sanais dhomh gu bheil thu ’tighinn.” Mu thuaiream deich bliadhna ’n a dheigh sin thachair am Bas air ann an riochd eile, air choir ’s nach d’ aithnich e gur e bh’ ann. Chuir e failte air an t-seann duine a’s thuirt e, “Tha mi toilichte d’ fhaicinn a’ dol m’ an cuairt cho calma.” “Mise calma!” ars’ an duine cha ’n ’eil mo cheum ach goirid, turamanach;—nach ’eil thu ’faicinn gu bheil mi am feum bata g’am chumail o thuisle.” “Tha do chlaisteachd maith,” ars’ am Bas. “O, c ha ’n ’eil mo chlaistechd ach fior dhona; is ro bheag a chluinneas mi de chomhradh ged a bhios mi gle dhluth ’laimh.” “Tha do leirsinn gle mhath cho dhiu,” ars’ am Bas. Gu dearbh cha ’n ’eil; tha mi am feum nan speuclair.” “So so,” thuirt am Bas, ’s e ag innseadh co e, “thig leam gun tuilleadh dallach.” “Ach nach do gheall thu tri comharan a chur air thoiseach ort?” “Agus nach ’eil thu fein ag aideachadh,” fhreagair am Bas, “gu ’n d’ fhuair thu tri—call do luth’s do chlaistechd agus do leirsinn? Chuir thu uait, o am gu am, gach iomradh air a’ bhas, a’ cur romhad a bhi ullamh an ath uair a thiginn; ach tha mi ’faicinn nach ’eil buannachd ann a bhi cur seachad na ’s fhaide; feumaidh tu tighinn leam a nis, co dhui tha thu deas no nach ’eil.” ’S e lionmhoireachd na laimhe a ni obair aotrom. Ma their mi fhein “thu” ri mo chu, their a’ h-uile fear e. Ma their thu na ’s leir dhut, their thu na ’s nair leat. ’S call caillich a poca, ’s gun tuilleadh a bhi aice. Is samhach an obair a’ dol a dholaidh. ’S fearr pilleadh ’am meadhon atha no bathadh unle. ’Naire nam maighdeannan an luirgnibh nan cailleachan. Tha cho breugach ’s a tha an luch cho bradach. Tuitidh ton eadar da chathair, ’s tigheadas eadar da mhuinntir. Na toir droch mheas air mac luideagach, no air loth pheallagach. ’N uair a chailleas duine a storas cha ’n fhiu a sheoladh no a chomhairleachadh. ’S ann aig an duine fein a ’s fearr fios c’ait am bheil a bhrog ’g a ghorteachadh. Na biodh cota dubh air cealgaire no cota dearg air sloightear. Am fear a ni ’obair na thrath, bithidh e ’n ath latha ’na leth thamh. Am fear ’s luaithe lamh ’se ’s fearr cuid. Am fear is ’n dan a’ chroich, cha d’ theid gu brach a bhathadh. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am Feillire. IULAIDH, 1899. 1 Di-satharna La na Boinne, 1690. 2 DI-DONAICH VI. Donaich na Caingis. 3 Di-luain 4 Di-mairt Saorsa nan Staidean, 1776. 5 Di-ciaduin Glacadh Lite, 1560. 6 Dior-daoin Breith Phoil Jones, 1747. 7 Di-haoine 8 Di-satharna Bas Righ Alasdair II, 1249. 9 DI-DONAICH VII. Donaich na Caingis. 10 Di-luain Bas Alasdair Mhic-an-Rothaich, 1767. 11 Di-mairt 12 Di-ciaduin Fagail a’ Chrimea, 1856. 13 Dior-daoin Crunadh Righ Alasdair III, 1249. 14 Di-haoine 15 Di-satharna An fheill Mhartainn Builg. 16 DI-DONAICH VIII. Donaich na Caingis. 17 Di-luain Toirt a mach Chawnpore, 1857. 18 Di-mairt 19 Di-ciaduin La Beinn Halidon, 1333. 20 Dior-daoin Glacadh Sruithliath, 1304. 21 Di-haoine Bas Raibeart Bhurns, 1796. 22 Di-satharna La na h-Eaglais-brice, 1298. 23 DI-DONAICH IX. Donaich na Caingis. 24 Di-luain 25 Di-mairt La Harlaw, 1411. 26 Di-ciaduin 27 Dior-daoin Posadh Banrigh Mairi ’us Darnlaidh, 1563. 28 Di-haoine 29 Di-satharna [30] Cobhair Doire 1689. 30 DI-DONAICH X. Donaich na Calngis. 31 Di-luain MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 7, U. 4, M. 17 F. A Cheud Chairteal L. 15, U. 7, M. 45 F. An Solus Lan L. 22, U. 5, M. 27 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 29, U. 8, M. 28 M. Cha bu choir do Ghaidheal sam bith aig am bheil meas air a chanain a bhi as aonais MHIC-TALLA. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 24] [Vol. 8. No. 3. p. 8] An Leisgean Lom. LEIS AN LIGHICHE MAC GRIOGAIR. AIR FONN:—“Mo nighean dhubh na treig mi.” An t-amhran a rinn Fionnghal Bhan do Dhonnachadh Crabach, ’an uair a chaidh e g’ a h-iarraidh airson a posadh! Cha ghabhainn fhein an leisgean lom, Cha ghabhainn fhein fear slaodach, Cha ghabhainn fhein an leisgean lom, Gun chrodh, gun fhonn, gun aodach. Gur mi nach luidheadh maille ris An fhear bhiodh flagach, diomhain, Oir bhreabainn as mo leabaidh e, Mas caidlinn-sa ri chliathaich. Cha chuirinn suas le amadan, No leannan bhiodh ’na umaidh, Oir b’ fhearr leam bhi air allaban, Na cadal idir dluth ris. Nuair chiteadh cach ag aiteachadh Gu duineal, lamhach, gniomhach, ’S ann gheibht’ ag gearan bronach thu, ’S do shron ’an taobh na griosaich. Cha chaomh leam dreach do lurganan, Cho dearg le breacan grannda, Oir gheibht’ an taobh na cagailt thu, Ri garradh do chuid chnamhan. Gu’m biodh do chota slaodath riut, ’S do chlaigionn maol gun chomhdach, ’S gu’m biodh do chasan caola, bochd, Ri slaopadh le cion bhrogan. Cha’n fhiach gu fior mar iasgair thu, Gu biathadh dubhain lubta, ’S air-leam gu dearbh nach seoltair thu, Airson long mhor a stiuradh. Cha treabhaich finealt fearainn thu, ’S cha’n fhear am measg luchd-ceaird thu Ach burraidh dur gun bhreithneachadh, ’S gun cheanaltas ’na d’ nadur. ’S a’ mhadainn nuair a dhuisgeadh sinn, B’e fear mo ruin-s’ an ceile, A dheireadh suas gu durachdach, Gu cosnadh cliu us speis duinn, S’ ann tha mo shuil-s’ a fuireach ris A’ ghille dhubh bha suairce, Oir thug mi gaol gu buileach dha, ’S cha’n urrainn mi toirt fuath dha. Oir b’ fhearr leam duine misneachal, Ri luidhe sios ’s ag eiridh, Na slaodair odhar, airsneulach, ’S an leisg ’an deigh a leireadh. ’Sa Dhonnachaidh, thoir a mhointeach ort, ’S na tig ri d’ bheo ’g am iarraidh, Oir O, cha luidh mi comhla riut, ’S cha phos mi thu—gu siorruith! Cha ghabhainn fhein an leisgean lom, Cha ghabhainn fhein fear slaodach, Cha ghabhainn fhein an leisgean lom, Gun chrodh, gun fhonn, gun aodach. Na Ceithir Braithrean. LEIS AN UGHDAR CHEUDNA. Bu cheithir braithrean gorach sinn, Bu bhraithrean gorach og sinn fein, A dharaicheadh gu ciatach, grinn, Gun mhoran suim do ni fo ’n ghrein; Bu tric a thriall sinn raoin us gleann, Ri ’g iarraidh nead ’s an t-samhradh bhlath, ’S a dhirich sinn ri slios nan beann, ’S an am a dh’ fhalbh ’s nach till gu brath. Bu tric a sheall sinn fada bhuainn, A null thar cuan do thirean cein, ’S air-leam gu’m faiceadh sinn ’n ar smuain Feadh astar bhuan gach tir fo’n ghreim; An ni nach ’eil, nach robh, ’s nach bidh, Gu’n saoladh sinn gu direach reith, Le meud mac-meamna bha ’n ar cri,’ Thug do gach neoni brigh us gne. Chaidh aimsir seach us dh’ fhas sinn suas, Ceart mar is dual do’n chinne-daon, ’S bu mhiann leinn triall a nios ’s a nuas, Air feadh gach beann us cuan us raoin; Ach caite nis am bheil an triuir A dh’fhag cho tursach, cianal, m’ fhonn? Tha h-aon dhiubh sinte sios ’s an uir, ’S an dithist eile m’ brugh nan tonn. ’S an am bu dligheach thriall a h-aon, ’S mo thruaighe, dhaog e fad bho laimh, Am brathair caoimhneil, gradhach, caoin, ’S am mac bha daonan lan de dhaimh; ’S nuair bhasaich esan rinn sinn bron, Oir bha sinn dubhach, bronach, tinn, Ri caoidh le cridhe trom fo leon, Airson an oigear chaomh bu ghrinn. Tha h-aon a’ cadal tosdach, trom, Am measg nan tonn ’s a Chuan-is-iar, A dh’ fhag sinn uile cianail, crom, Le iomadh osann trom us deur; ’S tha h-aon ’s a Chuan-a-deas ’na shuain, A chuir an tuilleadh gruaimean oirnn, Oir bhathadh e ’an doimhn’ a’ chuain, Dol timchioll Rudha chruaidh Chape Horn. An neart an oige, ’s mais’ an dreach, Gu’n ghearradh iad a tir nam beo, Mar chraobh ri cuir a blath a mach, A sgathar sios, ’s nach fas ni ’s mo; An diugh cho aoidheil, fallain, slan, Le’n uile ghradh do Thir nam Beann, ’S a maireach marbh ’am measg muir-lan, ’S an lamh air fas cho fuar us fann. Gu’n dhaog gach parant gearr ’n an deigh, Oir shearg iad as le meud am broin, Ni mo a fhuaireadh lus no leigh A b’ urrainn leigheas creuchd an leon; Oir dh’ fhalbh a chlann do ’n d’ thug iad gradh, ’S a thug air ais dhoibh gradh ro chaomh, ’S mar sin gu fuar ’s an uaigh gun bhaigh, Tha iadsan samhach—taobh ri taobh. B’e sud an lot a rinn mo chlaoidh, A ghnath bhi cuimhneachadh air cach, ’S na b’ ioghnadh leat gu bheil mi caoidh, An dream nach till a chaoidh gu brath; ’S gur cianal bha mi ’n diugh ’s an de, An tirean ceine tursach, trom, Oir trom gu dearbh bha lamh mo Dhe, A dh’ fhag mo thaobh ’n an deigh cho lom. Ach ged nach ’eil ’s an fheoil ach sgail, ’S ar beatha gearr mar oiteag ghaoith, A shiubhlas seachad, sios, gun dail, Nuair thig an Bas gun iochd g’ar claoidh; Gidheadh gu faic sinn saoghal buan, Us beatha bhuan tre Righ nan gras, Us coinnichidh sinn ’an ainm an Uain, ’S na Neamhan shuas—gun taing do ’n Bhas. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichcan fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 25] [Vol. 8. No. 4. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 4, 1899. No. 4. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXII. AIR GHLUASAD A RITHIST. Air eagal gu’m biodh an fheadhain a dh’ fhàg sinn ’nar deigh a’ gabhail fadachd, thill sinn far an robh iad. Agus ged a chuir sinn comharraidhean air cuid dhe na craobhan an uair a bha sinn a’ falbh, bha ar diol againn ri dheanamh ar rathad a dheanamh am mach an àm dhuinn tilleadh. Ach rainig sinn far an robh iad beagan mu’n do thuit an oidhche. Bha iad a’ teannadh ri gabhail an eagail gu ’n deachaidh sinn iomrall anns a’ choille, agus nach fhaigheamaid ar rathad air ais idir. Bha deadh shuipear deiseil aca dhuinn, agus bha sinn gle fheumach oirre. O’n a bha sinn a’ creidsinn nach robh duine, no creutair sam bith eile dlùth dhuinn a chuireadh dragh sam bith oirnn, ghabh sinn ar biadh na bu shunndaiche, agus na bu lugha dragh inntinn na rinn sinn o’n a dh’ fhalbh sinn o’n taigh. Ach cha do chaidil sinn uile na ’s mò na b’abhaist dhuinn; oir, an riaghailt a shuidhich sinn an uair a dh’ fhalbh sinn, chuir sinn romhainn gu’n seasamaid rithe gu dlùth gus am biomaid lan chinnteach nach tigeadh cunnart no beud ’nar rathad air latha no air oidhche. Air an aobhar sin, bha luchd-faire againn a h-uile oidhche. Mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh, “Is fhearr a bhith cinnteach na bhith ’s an amhrus.” Gu math moch an la-iar-na-mhaireach, thog sinn oirnn agus dh’fhalbh sinn le ceum gle shunndach; oir thug an fhois inntinn a bha againn an latha roimhe sid, agus an cadal math a fhuair sinn, misneach nach bu bheag dhuinn gu leir. Mu ’n do leig sinn ar n-anail, rainig sinn mullach a’ mhonaidh air an robh mise agus mo chompanaich an latha roimhe sid. An deigh dhuinn ar n-anail a leigeadh, agus beagan de’n bhiadh a bha againn a ghabhail, thug sinn ar n-aghaidh air a’ chomhnard mhòr a bha sinn a’ faicinn mu’r coinneamh. Cha robh e’n comas dhuinn mòran astair a chur ’nar deigh, do bhrìgh gu’n robh a’ choille cho tiugh, agus am feur cho àrd ’s gur gann a gheibheamaid ceum a dheanamh. Ann am beul anamoch na h-oidhche, rainig sinn bruaich na h-aimhne. Agus b’ e sin an amhainn! Far an robh am fearann comhnard, bha i gle leithinn. Ach far an robh am fearann àrd, creagach, bha i cho caol ’s gu’n tilgeadh duine clach bheag thairis oirre. Bha’n t-uisge a bh’ innte anabarrach soilleir; oir mur b’e luaths an t-sruth, chitheadh duine an grunnd aice, ged a bhiodh tri aitheamh de dhoimhneachd innte. Ach eadhoin far an robh am fearann comhnard, bha i ruith le luaths a bha anabarrach. Anns a’ cheud aite freagarrach a thachair ruinn, shuidhich sinn gu’n cuireamaid an oidhche seachad ann. Cha do chuir creutair sam bith dragh oirnn fad na h-oidhche; oir, mar bu ghnath leinn, bha braitseal mor teine againn air, agus ma thainig creutair sam bith an rathad re na h-oidhche cha do chuir e dragh sam bith oirnn. Gu math tràth ’s a’ mhadainn, bha sinn uile air ar bonn, agus o’n a bha biadh a’ dol an deireadh a ruith, dh’ fhalbh Tomas agus triuir no cheathrar eile, le’n cuid ghunnachan, feuch am faigheadh iad sealg, no rud sam bith eile a dheanadh cuideachadh leinn. Cha robh iad fad air falbh an uair a thill iad agus àireamh aca de dh’ eoin. Bha na h-eoin a thachair riutha cho ciallach ’s gur gann a theicheadh iad rompa. Agus cha do stad iad dh’ e ’marbhadh gus an robh barrachd is gu leor aca dhiubh. Cha robh an còcair a bh’ againn fada ’deasachadh nan eun dhuinn; oir bha sinn uile cho toileach cuideachadh a thoirt dha ’s gu’n do spion sinn na h-eoin dha ann an tiotadh. Tha mi ’creidsinn nach robh a ’chocaireachd ach gle mheadhonach; oir cha robh poit againn a bhruicheadh na h-eoin. Bha iad air an ròstadh air teine mor giuthais, mar a bha ’n fheoil a fhuair sinn. Ach an uair a bhios daoine slan, fallain, agus càileachd mhath aca gu biadh, cha chuir iad cùl ri biadh glan sam bith, ged nach biodh e air a dheasachadh cho math ’s a ghabhadh deanamh. A’ bharrachd air so, an uair a bhios daoine air uidil ’s air anastachd car uine, cuiridh iad suas le iomadh rud nach fhuilingeadh iad, nam biodh iad ’na chaochladh de shuidheachadh. Choisich sinn air aghart ri strath na h-aimhne gus an robh a’ ghrian air cromadh gu math. Cha’n fhaca ’s cha d’ fhairich sinn creutair sam bith a chuir dragh oirnn. Bha ioghnadh oirnn nach robh fiadh-bheathaichean a’ tachairt ruinn. Cha robh iarraidh sam bith againn air am faicinn; ach o’n a dh’innseadh dhuinn gu math tric roimhe sid, gu’n robh na fàsaichean làn de dh’ fhiadh-bheathaichean dhe gach seorsa, bha suil am mach againn air an son fad na h-ùine. Beagan uine mu’n do thuit an oidhche, thainig sinn gu fearann ard, creagach, anns an robh craobhan a bha anabarrach àrd. Aig fior bhruaich na h-aimhne, fhuair sinn uamha mhor, anns am faodadh fichead fear an geamhradh a chur seachad, nan togradh iad. Bha ’m beul aice cho àrd ’s gu’n rachadh fear sam bith dhinn a steach gun a cheann a chromadh. Cha robh coltas gu ’n do chuir duine riamh an oidhche seachad innte. Thug so misneach mhath dhuinn; oir b’e feasgar Di-sathairne bh’ ann, agus chuir sinn romhainn gu’n cuireamaid seachad an Domhnach aig fois, na’s lugha na thigeadh oirnn teicheadh le ar beatha. Bha Tomas, mar a b’ abhaist dha, ag ràdh gu’n robh làmh an fhreasdail ’gar stiùireadh anns gach ceum, agus gu’m b’ann le stiùireadh an fhreasdail a thachair an uamha oirnn air an fheasgar ud. Gun dail sam bith chaidh sinn uile gu obair. Ghearr sinn geugan matha, garbha bhar nan craobhan gus an cur gu math dluth air a cheile tarrsuinn ann an beul na h-uamha, air eagal gu’n tigeadh fiadh-bheathach sam bith an rathad a chuireadh dragh oirnn ré na h-oidhche. Fhuair sinn connadh gu teine fhadadh, agus am pailteas de sheann fheur agus de dhuilleach chraobh gus a chur fodhainn air urlar na h-uamha an uair a bhiomaid a’ dol a ghabhail mu thàmh. Fhad ’s a bha sinn ris an obair so, bha ’n còcair gu trang a’ fadadh an teine, agus a’ deasachadh na suipearach. Cho luath ’s a chuir sinn crioch air an t-suipear, rinn sinn deiseil gus gabhail mu thàmh. Chuir sinn torr math bhioran air an teine; agus an uair a dhùin sinn dorus na h-uamha cho math ’s a rachadh againn air, leig sinn sinn-fhein ’nar sineadh air urlar na h-uamha, agus ar gunnachan làn ri ar taobh. Agus an uair a ghuidh sinn gu dùrachdach gu’m biodh cumhachd Dhe ’gar dion ’s ’gar gleidheadh fad na h-oidhche, thuit sinn uile gu trom ’nar cadal, agus cha do dhuisg sinn gus an robh greis dhe’n mhadainn air a dhol seachad. An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail, ghabh sinn uile suas air ar socair ri bruaich na h-aimhne feuch ciod a chitheamaid, agus an dòchas gu’m faiceamaid aite tana air am faigheamaid tarsuinn a dh’ionnsuidh an taoibh eile. Ann an aiteachan bha e furasda gu leor dhuinn a dhol air ar n-aghart; ach ann an aiteachan eile, bha creagan àrda, casa air bruaich na h-aimhne, agus bha làn ar cridhe againn ri dheanamh faotainn thairis orra. Cha deachaidh sinn fada an uair a shuidh sinn, o’n a chuir sinn romhainn an latha roimhe sid, gu’m gabhamaid fois fad an latha. An uair a leig sinn ar n-anail gu math thill sinn air ar socair do’n uamhaidh. O’n a bha toil againn ar diol cadail a dheanamh, agus gun fhios againn c’uin a gheibheamaid a rithist cadal ann an àite cho sabhailte, chaidh sinn a laidhe gu math trath, agus chaidil sinn cho trom ris a’ chloich. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. V. Chord na briathran a labhair am fathach crotach, crubach, ri Maimoun agus ri Danhash gle mhatn. Ghrad chuir Maimoun i fhein ann an riochd cuilleig, agus lot i amhach a’ phrionnsa cho goirt ’s gu ’n do dhuisg e sa’ mhionaid, agus chuir e a lamh air a’ bhad a chaidh a lot dheth. Theich Maimoun air falbh, agus chuir i i-fhein a sealladh, mar a rinn an da fhathach a bha comladh rithe, air eagal gu’m faiceadh e iad, agus a chum gu’m biodh an cothrom na b’ fhearr aca ’nan triuir air fhaicinn ciod a dheanadh esan. An uair a tharruinn e air ais a lamh, thachair dha a leigeadh as air nighean righ Shina. Dh’ fhosgail e a shuilean, agus bha ioghnadh anabarrach mor air an uair a chunnaic e an aon bhoirionnach a b’ aille snuadh a chunnacas riamh, na trom-chadal air uachdar an aodaich ri ’thaobh. Dh’ eirich e air uilinn, agus bheachdaich e gu dluth oirre. Agus ann an tiotadh thuit e ann an trom-ghaol oirre, ged a bha e roimhe sid an duil nach tigeadh an latha ’ghabhadh e gaol air te sam bith. [TD 26] [Vol. 8. No. 4. p. 2] Leis cho trom ’s a thuit e ann an gaol oirre, thuirt e, “Am faca duine riamh boirionnach cho maiseach agus cho gradhach rithe so! Gaol mo chridhe ’s m’anama!” An uair a thuirt e so, phog e clar a h-aodainn, a da leith-cheann, agus a beul; ach o’n a bha i ’na suain chadail le draoidheachd an fhathaich, cha do dhuisg i idir. “Nach tu tha trom ’nad chadal!” ars’ esan; “is neonach nach ’eil thu ’dusgadh an uair a tha mise ’nochdadh gu’m bheil a leithid de thlachd agam dhiot. Ge b’ e air bith co thu, dh’ fhaodadh tu gaol a ghabhail ormsa.” Bha e ’smaointean a dusgadh, ach chuir e stad air fhein. “Cha ’n ’eil fhios nach i so a’ cheart bhoirionnach a bha m’ athair gus a thoirt orm a phosadh? Cha d’ rinn e ceart nach d’thug e dhomh sealladh dhi roimhe so. Nan d’ rinn e sin, bha mise fhathast gun a dhiumbadh a chosnadh leis a’ chainnt eas-umhail agus mhi-iomchuidh a labhair mi ris, agus bha e fhein air a bhith na bu lugha dragh inntin na tha e.” An uair a labhair Alsaman na briathran so ris fhein, thoisich e ri gabhail aithreachais air son cho eas-umhail ’sa bha e dha athair, agus smaoinich e rithist gu’m bu choir dha am boirionnach maiseach a bha ri thaobh a dhusgadh. “Is docha,” ars’ esan, agus e tighinn g’a ionnsuidh fhein, “gu’m bheil toil aig m’ athair clisgeadh a chur orm, agus gu’n do chuir e a’ bhean-uasal og so do’n t-seomar gus mo chur fo dhearbhadh, feuch an robh mi cho fad an aghaidh posaidh ’s a bha mi ’cumail am mach. Co aig’ tha fhios nach e fhein a thug an so i, agus nach ’eil e ’g a fhalach fhein air chul nan cuirteanan, gus mo naire thoirt asam, ma chi e gu’n do thuit mi ann an gaol oirre? Bhiodh droch bharail aige orm, agus bhiodh e na bu diumbaiche dhiom na bha e roimhe. Ach foghnaidh leam am fainne thoirt bhar a meoire mar chuimhneachan oirre.” An uair a thuirt e so, thug e air a shocair fhein fainne bhar na meoire aice, agus chuir e fear dhe na fainneachan a bha air a mheoir fhein ’na aite. ’Na dheigh sin thionndaidh e a chulaobh rithe, agus thuit e ’na chadal cho trom ris a’ chloich; oir chuir na fathaich fo dhraoidheachd e. Cha bu luaithe thuit Alsaman ’na throm-chadal na chuir Danhash e fhein ann an riochd cuileig, agus lot i nighean righ Shina air a gruaidh. Ghrad dhuisg i; agus ciod a b ’iongantaiche leatha na duine og cho briagha ’s a chunnacas riamh fhaicinn ’na shineadh ri’ taobh anns an leabaidh. An uair a bheachdaich i air car tiotaidh, thuit i ann an trom ghaol air. “Ciod is ciall dha so!” ars’ ise. “An tusa am fear a bha m’ athair ag iarraidh orm a phosadh? Is bochd nach d’fhuair mi fios air na bu traithe, agus a bharrachd air sin, is fhad’ o ’n a dh’fhaodainn a bhith posda ri fear air am bheil a nis gaol mo chridhe agam. Duisg, ma ta; duisg; oir cha ’n ’eil e coltach dhut a bhith cho trom ’nad chadal air oidhche do bhainnse.” An uair a thuirt i so, rug i air ghairdean air Alsaman, agus chrath i gu math e. Bha i air a dhusgadh mur b’ e gu’n do chuir Maimoun le ’draoidheachd ann an cadal anabarrach trom e. Chrath i caochladh uairean e, agus an uair a chunnaic i nach rachadh aice air a dhusgadh, thuirt i, “Ciod a th’ air tighinn ort? An do chuir a h-aon sam bith aig an robh eud riumsa draoidheachd ort, a thug ort cadal cho trom ’s nach urrainnear do dhusgadh?” An sin thug i pog dha laimh. Agus an uair a thug i an aire gu’n robh am fainne a bha air a mheoir anabarrach coltach ris an fhainne a bha air a meoir fhein, agus a dh’ aithnich i mu dheireadh gur e am fainne aice fhein a bh’ann, an uair a chunnaic i fainne eile air a meoir ’na aite, cha robh fhios aice ciod a theireadh i. Mu dheireadh thug i oirre fhein a chreidsinn, gur ann air ur-phosadh a bha i. An uair a bha i sgith a’ feuchainn ris a’ phrionnsa dhusgadh, thuirt i, “O nach urrainn dhomhsa do dhusgadh, leigidh mi leat do dhiol cadail a dheanamh.” An uair a thug i dha pog air an leith-cheann, leig i i-fhein ’na sineadh, agus ann an uine ghoirid, thuit i ann an trom-chadal. An uair a shaoil Maimoun gu’n robh a’ bhana-phrionnsa gu math trom ’na cadal, thuirt i ri Danhash, “Fhathaich mhollaichte, nach ’eil thu nis a’ faicinn gu’n do chaill thu ’n geall? Nach ’eil thu ag aideachadh gur e am prionnsa moran a’s maisiche na ’bhana-phrionnsa? Ach cha ’n iarr mi ort an geall a phaigheadh.” An sin thionndaidh i ris an fhathach eile, agus thuirt i ris, “Tha mi ’toirt taing dhut air son do dhragha.” Thuirt i ri Danhash, “Thoir leat a’ bhana-phrionnsa so air ais gu ruige Shina, agus fag ’na sineadh i anns a’ cheart leabaidh anns an d’fhuair thu i.” Rinn am fathach mar a dh’ iarr Maimoun air, agus chaidh Maimoun a ghabhail fois do ’n tobar mar bu ghnath leatha. An uair a dhuisg Alsaman gu math moch ’s a’ mhadainn, sheall e feuch an robh a’ bhean-uasal ri ’thaobh. An uair a chunnaic e nach robh i ann, ghlaodh e, ag radh, “Bha amhrus agam gu’n robh toil aig m’ athair fealag a thoirt asam, agus tha mi gle thoilichte gu’n do thuig mi ciod a bha ’na bheachd.” Aa sin dhuisg e an seirbhiseach, agus dh’ iarr e air tighinn far an robh e gus ’aodach a chur uime. Ach cha d’ innis e facal dha mu na thachair dha fad na h-oidhche. Thug an seirbhiseach a steach uisge g’a ionnsuidh, agus an uair a nigh e e-fhein, agus a ghabh e urnuigh, thug e greis air leughadh. Na dheigh sid, dh’iarr e air an t-seirbhiseach tighinn far an robh e, agus thuirt e ris, “Trothad an so, agus thoir do cheart aire nach innis thu facal dhomhsa ach an fhirinn. Bha bean-uasal ’na laidhe ri mo thaobh-sa greis dhe ’n oidhche raoir; am bheil fhios agadsa cia mar a fhuair i steach an so? no co thug a steach i?” “Mo thighearna,” ars’ an seirbhiseach, agus ioghnadh mor air, “cha ’n ’eil mi ’tuigsinn co uime tha sibh a’ bruidhinn.” “Tha mi ’bruidhinn,” ars’ Alsaman, “mu’n bhoirionnach a thugadh a steach do ’n t-seomar so an raoir, agus a bha greis ’na laidhe ’s an leabaidh ri m’ thaobh.” “Mo thighearn,” ars’ an seirbhisich, “air m’ fhacal nach ’eil fhios agam air rud sam bith mu dheidhinn na mna-uaisle sin; agus cia mar a b, urrainn i tighinn a steach an so gun fhios dhomhsa, o’n a bha mi ’nam shineadh aig an dorus?” “Cha’n ’eil annad ach am breugaire suarach,” ars’ am prionnsa, “agus tha thu fhein agus feadhainn eile ’feuchainn ri dorran agus dragh gu leor a chur orm.” An uair a thuirt e so, bhuail e dorn air an t seirbhisich ann an toll na cluaise, agus leag e air an urlar e. An uair a thug e ruith air a bhreabadh cheangail e rop fo ’achlaisean, agus thug e bogadh math no dha dha anns an tobar. “Bathaidh mi thu,” ars’ esan, “mur innis thu dhomh anns a’ mhionaid co bhean-uasal a bha stigh an so a’ raoir, agus co thug ann i.” Cha robh fhios aig an t-seirbhiseach ciod a theireadh no ’dheanadh e; oir bha e air a leith phronnadh leis na fhuair e de bhreaban; agus cha b’ e am bogadh bathaidh a fhuair e dad bu lugha thug a mhisneach uaithe. Thuirt e ris fhein, gu’n robh am prionnsa air a dhol as a rian, agus nach fhaigheadh e a bheatha as a lamhan mur innseadh e na breugan dha. “Mo thighearna,” ars’ esan ann an guth fann, bristeach, “tha mi ’guidhe oirbh gu’n leig sibh mo bheatha leam, agus innsidh mi dhuibh an tul-fhirinn.” An uair a chual’ am prionnsa so, tharruinn e an seirbhiseach suas as an tobar, agus dh’ aithn e dha an fhirinn a ghrad innseadh dha. “Mo thighearna,” ars’ esan ’s e air chrith, “faodaidh sibh a thuigsinn gu’m bheil e neo-chomasach dhomhsa mo naigheachd innseadh dhuibh ’s mi anns an t-suidheachadh anns am bheil mi. Tha mi ’guidhe oirbh gu’n leig sibh leam a dhol a chur aodach tioram umam an toiseach.” “Tha cead agad sin a dheanamh,” ars’ am prionnsa, “grad bi falbh; agus bi cinnteach gn’n innis thu an fhirinn ghlan dhomhsa an uair a thilleas tu.” (Ri leantuinn.) BRUTUS. “Is e Farmad a ni Treabhadh.” EARANN III. Is mor m’ ioghnadh ris an t-socair anns a bheil cuid a’ cur thairis am beatha; tha iad mar bha Donnachadh Ban ’nuair thubhairt e “Sguiridh mi g’ am phianadh, oir thug mi ’n aire Gur e’n duine diomhain as fhaide mhaireas.” Ach ’n am bheachd-sa cha ’n ’eil a’m beath gach duine ach a bhi dian-ruith chum fein-smachdachaidh; tha sinn mar shealgairean a’siubhal nan Gleann. Ceum air cheum air ar n-aghaidh, ’s ceap-tuislidh ùir an ceann gach tacain. Nis cha deanar ni sam bith gun ghnothach araidh a bhi ’s a bheachd. Tha ghnothach sonruichte aig an t-sealgair ar n-eadh cha bhiodh e a’ sealg; tha smuaintean agus dochasan araidh an inntinn an tuathanaich ar n-eadh cha bhiodh e treabhadh na talmhainn. Leothasan leis an aill a bhi treabhadh airson na firinne, feumaidh gu bheil meas aca air firinn; leothasan leis an ionmhuinn a bhi tlachdmhor an sùilean chaich, feumaidh gu bheil spéis aca ann a bhi tabhairt tlachd do chach. Tha chuid as mugha de dhaoine a tighinn beo air “diomhanas;” tha iad air am mealladh agus is maith gu’m bheil. Faodaidh e bhi gu’n robh ’s gu bheil an Saoghal air a’ riaghladh le Gliocas, le Ughdarras ’s le Eisempleir, ach tha’n radh sin a mhain fior ann an comh-bhoinn ris an radh so eile “Tha gach duine air a riaghladh le fein-chreideas.” Mur ’eil theid e gus an otrach. Ach mar an ceudna tha e air a mhealladh ’s air a riaghladh leis an aon ni. Rud tha do-dheanta. Nis, tha e ’n a ni maiseach an nadur an duine gu ’m feum e aoradh a’ thoirt do ni-eigin, agus cha ’n eil e anabarrach mi-choltach gu ’m fad an uine gus an goirear dhe ’n chinne-daoine “Teampull nan Iodhalan.” Ach do bhrigh ’s nach eil e comasach do dhuine sam bith air leth a bhi creidsinn nach ’eil ann fein ach fein-iodhal, tha e a’ toiseachadh le bhi ’toirt meas air duine eile, agus aig an am sin tha’n duine eile so air a’ thionndadh, leis an neach tha ’gabhail meas air, gu bhi ’na fhein-chuspar do ’n duine sin. Mar so tha gradh-daonnach ag éirigh agus ag cur ’n ar comas a bhi gabhail toirte am barailean a chéile; aig an aon am tha uiread de fhein-anearbsa ’g ar leantuinn ’s a tha ’g ar fagail anns an dochas gu’n d’ toir muinntir eile dhuinn iomadh cobhair ris a bheil dùil againn ged dh’ fhaoidte air nach airidh sinn. Tha ’n anearbsa so ag éirigh, mar is trice, ’nuair a bhacar sinn; tha t-atharrach ag éirigh ’nuair a bhuannaichear leinn. Is e an t-atharrach Uaill; ni tha ag éirigh bho ’bhi mothuchadh gu bheil “Cumhachd” againn. An taic ri gach mothuchdainn mu ’n chumhachd so tha “farmad,” no mar theirear le [TD 27] [Vol. 8. No. 4. p. 3] Tacitus gloriae aemulatio; agus is e crioch araid na buaidh so an lamh-an-uachdar fhaotainn. Tha cuilbhroinn mhor de dheineas agus de dhiorrasachd na buaidh so ag éirigh bho ’bhi a’ sior-dhùil ri dà ni a chur fo smachd aig an aon am. Nach robh a phannal a ghabh beatha Chæsair an duil ris an lamh-an-uachdar fhaotainn thairis air Cæsar fein maille ris ann an uachdranachd a bhuineadh aig an am sin do Cheasair a ghabhail nan laimh féin? Nach b’e rùn gach fear dhiubh gu’m biodh Ceasar marbh agus gu’m biodh iadsan féin a’ sealbhachadh a mhaoin ’s a chliu? Gun amhrus. Ach aig an aon am bu bhuidhe leo a bhi cosnadh cliu dhaibh fein fuidh shuilean nan Romanach. Bhiodh e ’na ni do-chomasach dhaibh farmad no “gloriae aemulatio” bhi aca mur biodh luchd-coimhead a seasamh ag gabhail beachd orra. Saoilidh mi gu’n robh am fiughair so a’ tabhairt solais, misnich is rabhaidh chum ’s gun ruitheadh iad le cinntealas an réis a chuireadh romhpa. Nuair a chaidh an reis a ruith, rinn cuid dhiubh gairdeachas is aighear; bha cuid eile air an lionadh le eud no tnu. Air an aobhar sin chithear gu bheil eadar-dhealachadh eadar farmad agus tnu; abraidh sin gu bheil “farmad” ag ciallachadh “gloriae aemulatio,” agus tnù “aemulatio vitosa.” Nis tha tnù a’ deanamh gairdeachais ri gach tubaist agus droch fhortan a thachras ri fear na soirbheachaidh, ni tha neo-cheadaichte. Cha’n aobhar gairdeachais dhomhsa ged a chaidh an saoghal an aghaidh an duine so, no ’n duine ad eile. Rè uine ma dh’ fhaoidte gu’n tig rath air fear na mi-fhortain, agus ciod a thachradh a réisd? Sheargadh mo thnù-sa a chionn ’s gu’m biodh mo charaid no mo namhaid air fàs aoibhneach. Gu dearbh ’s ann a bheir tnù fuath do na mhaitheas agus do ’n ard-mhòrachd air nach lamh e ruigsinn. Cha ’n ’eil so mar bu chòir, oir tha inntinn an duine sin an còmhnuidh air a lionadh le choir fhein. Ach ’s cinnteach mi nach ann mur so bha na Gaidheil rè an Eachdraidh lubach agus choigailtich, oir cha b’àbhaist daibh bhi ’gabhail gnothuich ri muinntir eile an ’nuair bu ghann a b’urrainn daibh an gnothuch fein a dheanamh. Tha Cassius, tha mi meas, a’ cur f’ar comhair gu bheil an cridhe tnuthail buailteach do thuislidhean ’s do mhearachdan, agus a dh’aindeoin meud a dheifir nach d’fhàs duine riamh ’na shlaoightir a dh’ aon leum. Feumaidh atharrachadh tìm. Dearbhaidh nadur fhéin so. Gabh beachd air seann chraoibh ’s a choille. Am bliadhna bheir am peothair an aire do dhuilleag no dha seargta aig a barr: mus tig an ath shamhradh mu’n cuairt, no ma dh’fhaoidte mus deasaich an lon-dubh a nead, tha geug no dha seargta, freumhach no dha air crionadh, agus fead a’ bhais ’na cluais, mar chomharradh gu bheil a h-uair air beireachd oirre. Air an aobhar sin cha’n e an tuilleadh tnu tha dhith oirnn ach an tuilleadh gradh: oir cha’n ’eil neart daimh ’s an dreathan-donn ’s cha’n ’eil e iomchuidh a smuaineachadh gu’m faigh amadan buaidh air duine glic. Tha cuid slan agus cuid euslan; cuid laidir agus cuid lag. Theid tnu, mar is cubhaidh, a bhathadh gu tric; ach snamhaidh gradh air na h-uisgeachaibh, agus air na cluaintibh glasa ni e laigh’ sios le sith. Ach air son aon ni, tha farmad feumail; tha e a’ toirt oirnn a bhi leantuinn daoine taghta agus bunaiteach oir is e so cron an aineolais gu bheil an duine nach ’eil math no glic gidheadh toilichte leis fein. Nuair a tha Tacitus a’ comh-dhunadh Eachdraidhe druighteiche Agricola—tha e ag guidhe orrasan a ta fathast an lathair a bhi toirt fainear gniomharan euchdach ’athar-céile chum ’s gun séidear suas aignidhean nan Romanach a los gach fearra-ni treun a chur an gniomh. Is doigh do ’n t-saoghal-so bhi dol mu’n cuairt oir tha gach ni a tha ann ’na cheo; gidheadh tha annain bith neo-bhasmhor air nach gabh tarruing le dealbhadair. Tha dealbh an anama air a tharruing ann an gniomharaibh a mhain. Uime sin is mithich dhuinne bhi subhach annain fein. Is e ar dleasdanas-ne bhi measail mu gach ni tha fior ’nar beathaibh fein, fior is fiosraichte am beathaibh chaich, gach ni tha mor am measg nam beo agus miorbhuileach am measg nam marbh, uamhasach is grasmhor ’s na h-uile tir is am. Tha Tactius, uime sin, ag iarraidh oirnn “farmad” a ghleidheadh ri a leithid do dhuine ’s a bha ann an Agricola. “Admiratione te potius quam temporalibus laudibus, et, si natura suppeditet, aemulatione decoremus.” Cha robh Bard riamh na bu mhion-eolaiche mu dheas-ghnathaibh nan Romanach na bha Shakespeare, agus creididh mi gu’n robh a’ chleachduinn sin gle mheasail ’na shealladh-san ’nuair a sgriobh e chum ar leas-ne a bheachd a bha aige mu Bhrutus.” “Nach abair sinn gu’n deachaidh Brutus am mearachd?” dh’ fheoraich an Seanalair. “Tha mi ’n amharus,” ars’ am fear eile ’s e freagairt, “nach robh e dligheach dha a bhi cur an teagamh na smuaintean a bu doimhne na chridhe, agus rinn e cli ann a bhi caitheamh a leithid de ùin a’ reusonachadh a’ chionn ’s nach b’ urrainn dha a ghabhail a steach cho allail ’s cho cumhachdach ’s a bha Cæsar. Ach do dhuine a bha feadh a bheatha ni bu dheigheile air eolas na air mor-chuis, agus air firinn na air coslas na firinne, cha bhiodh e idir furasd a bhi tuigsinn gu ’n robh suailc air bith an Cæsar. Air an laimh eile bha aig Brutus inntinn cho druighteach agus cho farsuing ’s nach ’eilear comasach gun a bhi fo ioghnadh ciamar a chlaon e bho an reis sin air an d’ thug e gealltanas ruith le tapachd. Bha sealladh fada a dhith air maille ri barail chothromach agus cheart, nuair a shaoil e gun atharraicheadh Cæsar a nàdur nan rachadh an crùn chur air a cheann. Ach a chum ’s nach paidh e airson a bhi diobradh na smuaine sin a b’annsa leis riamh a bhi aig altrum, tha e a’ tagair a chùis féin le leithid do iomaguin ’s nach urrainn mi a bhi ’ga ainmeachadh ach le pian. Ciod e an ni bu mhaith leat a thoirt dhomh? Mas e ’s gu bhell e chum ar leas coitchionn Cuir onoir mu choinneamh na dara suil bas Mu choinneamh na suil eile ’s coimhdim orr’ gun sgath; Ni Maith ’g am chuideachadh! is annsa leam A bhi ’s an onoir na ’s mugha na ’s eagal leam am Bas. Agus a rithist ’nuair tha Shakespeare a’ cur fa nar comhair an t-aobhar bh’aig Brutus airson ’n gniomh marbhtach sin a dheanamh, tha m’ aignidhean is m’ inntinn ag osannach mar tha na facal a’ gluasad air feadh astair m’ anama. ‘Faodaidh Cæsar sin a dheanamh: Ach na leig leis. ’S bho ’n nach ’eil ’n am chomas Cur as da do bhrigh do’n staid ’s a bheil e, Seall air a ghnothuch mar so; cha ’n fhan e ’n sin, Ni e fas ni ’s miosa agus ni’s miosa Agus coltach ri droch sheorsa uibhe fo chirc. Bheir e mach re uine eun cho dona ris fein Uime sin marbh e anns a’ ghuc.” “Marbh e anns a’ ghuc.’ Ah! ’s e’n dan a thachras; cha b’ urrainn dha a leasachadh ged nach robh cron ri fhaotainn ann an Cæsar. Chaidh Cæsar a dhochann ’s a mhort a’ chionn gu’n deachaidh Brutus am mearachd; chaidh Brutus am mearachd do bhrigh gu’n robh e neo-fhior do ’chogais.” Rinn am fear neonach so stad a nis chaidh aran is fion-spiosraichte mu’n cuairt, agus chuir a chuideachd ris gu grad. Rinn mise mar a b’ fhearr a b’ urrainn mi. Bha am fion air leam moran ni bu thaitniche na bhlais mi airson iomadh bliadhna. Ach cha robh cùisean gle fhad mar so, oir dh’ fhas am Mor-dhiuchd gle bheothail, agus dh’ ath-sgrùd e moran de na beachdan air an d’ rinn mi iomradh a cheana. Fhad ’s is cuimhne dhomh labhair e mar a leanas:— “Cha ’n ’eil thusa ach òg,” ars’ esan ’s e tionndainn ris an fhear, “agus cha ruigear leis bhi ag altrum an dochais gun rachadh leat ann a bhi faotainn a mach gach aobhair bh’ann an inntinn Bhrutuis gu bhi mort ard-uachdarain nan Romanach. Ré uine fhada, mar tha fios agaibh, b’e mo ghnothuch-sa a bhi cumail fodha na ceannairce a chuir a ordugh ar cuisean ’s an Eadailt, agus re linn a’ chogaidh thiamhaidh mu dheireadh bha iomadh comas air a’ bhuileachadh orm chum a bhi ag gabhail beachd air gne-naduir an t-saighdeir. ’S ann do bhrigh ’s nach ’eil aithne dhomhainn agaibhse mu dhoighean agus mu rianean inntinn an fhir-chogaidh, tha sibh a saoilsinn nach robh e comasach do Bhrutus a bhi faotainn coire do Chæsar. Cha’n e sin mo bheachd-sa; ù cha ’n e. ’S e mo bharail-sa nach do sheall Cæsar gle fhada roimhe, nach robh ann ’na oige ach graisg-fhlath ana-measarra agus anacneasda aig nach robh suim ann an ni air bith ach ann an graisge na Roimhe a mhain. Am measg mi-riaghailteachd an latha sin fhuair e comas gu bhi ag éirigh, agus nochd e mor-thuigse agus seoltachd le ’bhi ’riaghladh gu diongmhalta is gu gramail. Cha do thaisbeanadh leis riamh gu’n robh e deigheil air a bhi steidheachadh smuaine choitcheanna sam bith; bha e coma mar bu trice do na h-uile ni nach buineadh do mhodh-riaghlaidh cathrach moir’ na Roimhe. An ceann beagan bhliadhnachan chaill e ’chail eadhon ann a bhi deanamh sin, gus anns a’ Chogadh Shiobhalta bha thograidhean gu leir pearsanta. ’S ann aig an am sin a thoisich a bheachdan air bhi dol am farsuingeachd, agus dar bha ’n tir rointe na h-aghaidh fein theagaisg esan di, ann an tomhas le ’threubhantas, ann an tomhas le ’fhad-fhulangas, gu ’n robh traillealachd na ni nadurra. Ciod le ’thiodhlaicibh, agus ciod le fheisdibh, choisinn e an sluagh cumanta uile gus a bheachd sin, air chor fa dheireadh ’s gu’n robh e comasach e-fein a’ chur fos cionn an lagha. Mhùch e spiorad na saorsa ann ar n-aithrichean ’nuair bha iad fathast treubhach, ’s cha mhor m’ ioghnadh ged bha a laithean deireannach fo neul le dubh-ghruaim agus breoite-chrom. Biodh agam daoine mu’n cuairt domh a ta reamhair, Daoine sleamhuinn a choidleas aig an oidhche; Tha Cassius ud ’n a dhreach mar neach air ocras Le cus smuaineachaidh; cha ’n ’eil e leithid-sa cneasda.” Innis domh am b’urrainn do Bhrutus a’ bhi faicinn a dhuthaich fuidh riaghladh dhuine aig nach robh suim do mhaitheas an giulan, no ann an lamhaibh phairtidh aig nach robh smuaintean choitcheanna sam bith? ’S e bh’ ann am Brutus laoch agus bha e fior-chinnteach gu’n robh dealachadh eadar math is olc. Nach robh an eadar-dhealachadh so a’ tabhairt geuraid do chonaltradh nam ban, agus brigh do sgealmhas a’ chlachain? Nach robh e a’ tabhairt a’ chumhachd dhligeach do lagh na Rioghachd, ’s nach robh e gniomhach bhos is thall? Bha Brutus a creidsinn gu ’n robh, agus uime sin b’e fhocal-faire ’aoradh Dhé;’ b’e focal-faire Chæsair— Iarr air an t-sagart iobairt a chur suas Chum ’s gu’m biodh beannachd mo shaoid ’s mo shiubhail agamsa.’ Gu cinnteach chuir spiorad na Saorsa i fein ann an riochd nach d’ thainig a (Air a leantuinn air taobh 30.) [TD 28] [Vol. 8. No. 4. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh. Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., OGUST 4, 1899. LEABHRAICHEAN GAIDHLIG. Tha moran daoine ’creidsinn gur ann an Siorramachd Inbhirnis a’s fhearr a labhras Gaidheil Gaidhlig agus Beurla. Tha e fior gu leoir gu bheil fuaim gasda ’s blasda ann an seanachas agus ann an guth nan Gaidheal d’ an ionad comhnuidh Inbhirnis. Tha teaghlaichean measail agus uasail a’ tuineachadh anns an t-siorramachd so. Is ann faisg air baile Inbhirnis a tha Cuil-fhodair, far an deachaidh cath cruaidh a chur, agus far an deachaidh Prionnsa Tearlach agus na Gaidheil mhearganta ’s dhileas a dh’ eirich leis a chasgairt gu muladach, truagh. B’ abhaist do ’n t-sluagh a bhi ’g radh gu b’e Inbhirnis baile mor na Gaidhealtachd, agus gur anns an aite so ’bha ’Ghaidhlig agus gach ceol ’us abhaist Gaidhealach a faotainn a’ chaoimhneis agus an eiridinn agus an aoidheachd a b’ fhearr ’s a bu mhodha. Tha baile ’n Obain a’ tighinn air aghaidh co gleusda, tapaidh, neartmhor, air chor ’s gu bheil a chairdean lionmhor a’ cumail a mach gur esan an diugh Baile mor, riomhach na Gaidhealtachd. Tha rathad iaruinn a nis a’ ruigheachd an Obain. Tha Beinn Nimheis, Loch Obha, a Mhorairn, ’us Fionnairidh, ’us Staffa, Iona, us na h-eileanan eile ’tha air taobh an iar Albainn, gle dhluth air an Oban. Tha bataichean smuide ’gluasad gun tamh on bhaile so gu iomadh eilean ’us aite ’tha measail ’us taitneach ann an suilean nan Gaidheal. Is ann an Inbhirnis a tha ’n Comunn Gaidhealach a’s fhearr a tha ann an Albainn. Tha ochd bliadhna fichead on chaidh an comunn so ’shuidheachadh, agus da rireadh is iomadh caoimhneas ’us cairdeas a nochd e ’sa rinn e do chainnt aosmhor nam beann ’us nan gleann. Bho thus a laithean bha Gaidheil uasail, ionnsaichte, urramach, ’us dileas, ’n am buill de ’n Chomunn, agus is mor ’s is fiachail an t-eolas a thrus iad, agus an solus a chuir iad air fineachan an duthcha anns na linntean a bha ’sa dh’ fhalbh. Chuir an Comunn a mach cheana aon leabhar thar fhichead, anns am bheil moran foghluim ’us fiosrachaidh air an tabhairt seachad. Is e ionmhas luachmhor a tha aig na Gaidheil anns na leabhraichean a chuir an Comunn ri cheile ’s a chlodh-bhuail iad airson maith ’us tabhachd nan Gaidheal ’us na Gaidhlig. Thainig a’ cheud leabhar thar fhichead a mach bho cheann miosa no dha. Tha faisg air coig ceud taobh duilleig ann. Anns an roimh-radh tha iomradh tiamhaidh air a dheanamh air na laoich ghasda Ghaidhealach a chaochail bho cheann uine ghearr ’s a tha tosdach ann an suain a’ bhais. Tha iomradh muladach air a dheanamh air Alasdair Mac Coinnich, duine comasach agus foghluimte, a rinn iomadh seirbhis mhaith do na Gaidheil agus d’ an canain. Thug MAC-TALLA luadh cheana air beatha Mhic Coinnich agus air na h-euchdan lionmhor a rinn e ’na inbhe fein as leth nan Gaidheal. Cha ’n ann gun aobhar sonruichte ’tha na briathran so air an sgriobhadh mu Ghilleasbuig Mac-na-Ceardadh, a chriochnaich a’ chuairt am feadh a bha e fathast og. Deagh mhac an deagh athar. “Is e Ileach foghainteach, stuama, gleusda ’bha ’na athair. Bha ’n t-ainm ceudna aca. Bha iad le cheile ’n an clodh-bhualadairean ann an Glaschu, ’s ’nan cairdean maith ’us muirneach do gach neach ’us ni a bha Gaidhealach. Ann an 1879, thainig a mach an t-Oranaiche, no co-thional taghta de orain ur agus sean—a’ chuid mhor dhiubh nach robh riamh roimhe ann an clo—le Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh. Is ro-mhaith agus is ro-ghrinn a b’ aithne dha Gaidhlig a sgriobhadh, mar a dhearbhas na briathran so: “Tha ’n t-Oranaiche ’nis air a chasaibh le lanachd ciuil ’na chridhe, ’s le iomadh duanag thaitneach ’na bheul. Is e a run eolas a chur air na Gaidheil anns gach aite ’s am bheil iad a tuineachadh—tuath ’us deas, an ear agus an iar, aig an tigh agus on tigh. Tha mi ’guidhe gu ’m bi an t-Oranaiche cosmhuil ri sgoth-long eutrom, thapaidh, loma-lan de rogha ’s tagha bathair,—iubhrach ghasda, chomhnard, a sheolas troimh gach caol ’us camus, a shiubhlas air gach loch ’us linne, a thathaicheas air gach uig ’us ob, a thaghaileas aig gach port ’us lamhraig, gus coimh-ionnan ri iadhadh na gréine, an cuir i cuairt shunndach, shoirbheachail air an t-saoghal Ghaidhealach gu leir.” Leabhar nan Gleann, Leabhar na Ceilidh, maille ri leabhraichean eile a thainig bho ’n chlodh-bhualadair bho cheann ghoirid, tha iad uile ’dearbhadh gu bheil sgoilearan Gaidhlig fathast dichiollach agus eudmhor. Tha daoine foghluimte ’g innseadh dhuinn gu bheil air an t-saoghal tri muillean agus ceathramh a tha ’labhairt Gaidhlig, no canain eile de na canainean Ceiltich. Tha ann am Breatunnaidh, anns an Fhraing, corr mor agus muillion a tha ’labhairt an canain Cheiltich fein. Tha ann an Uallaidh dluth air muillion a tha ’labhairt canain bhrioghmhoir nan laoch iomraiteach bho ’n tainig iad. Tha dluth air seachd ceud mile Gaidheal ann an Eirionn a tha fileanta ’n an canain fein, agus a tha fior-mheasail air a chainnt a bu nos do luchd-aiteachaidh an duthcha a labhairt gu pongail, milis anns na laithean a bha ’sa dh’ aom. Ann an Albainn, no an tir an fhraoich ’s an rainich, tha da cheud gu leth mile ’labhairt na Gaidhlig, agus muirneach mu ’n chanain a labhair agus a sheinn Oisein agus laoich na Feinne ann an Seallama. Thatar a’ creidsinn gu bheil ann an Canada fein da cheud gu leth mile Gaidheal aig am bheil speis anabarrach do chainnt an sinnsirean, agus a tha comasach air a labhairt ann an doigh fhonnmhor, ghrinn. Tha Gaidheil ann an aitean eile de ’n t-saoghal a tha ’g altrum cainnt an athraichean gu curamach agus gu caomh. Air feadh na Galldachd tha moran Gaidheil a tha ealamh ann an labhairt na Gaidhlig ann an tir nan Gall, agus am measg bailtean ’us comhnardan a tha air taobh mu dheas Albainn. Tha da no tri mhiltean anns an Eilean Mhanainneach a tha ’labhairt fathast Gaidhlig an eilein bhoidhich ’us iomraitich ud. Co nach aidich a nis gu bheil na canainean Ceiltich lan brigh ’us neirt ’us beatha, ’s nach ’eil amharus air bith gu tig crioch air an cuairt an da latha so. Tha fuil bhlath, fhallain ann an cuislean nan canainean ud; agus ma bhitheas na Ceiltich daimheil, mar is cubhaidh doibh, d’ an canain fein, thig iomadh atharrachadh air an t-saoghal, agus ruithidh iomadh latha ’s bliadhna seachad mun teid an fhoid ghorm a chur air uaigh na Gaidhlig agus a peathraichean. Is e Niall Mac Leoid, am bard teoma, binn ’us ceolmhor, a tha ’na bhard do Chomunn Inbhirnis. Is gaisgeil a bhriathran: “Duisg suas a Ghaidhlig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgath, Tha ciadan mile dileas duit, Nach diobair thu ’s a’ bhlar: Cho fad ’s a shiubhlas uillt le sruth, ’S a bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gu teid do chur gu bas.” CONA. Tha caraid amaideach moran ni ’s trioblaidiche na namhaid aig am bheil gliocas. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. [TD 29] [Vol. 8. No. 4. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha trioblaid mhor ann an Chicago aig an am so—deich mile de luchd-ceairde ’s de luchd-obrach eile nan tamh air saileabh strike a rinn luchd deanamh nan clachan-creadha. Thainig bas gle aithghearr air fear R. J. MacNeill, ann an Shunacadie, Di-donaich s’a chaidh. Bha e coiseachd air feadh an taighe, ’se ’ga fhaireachadh fhein gu slan, fallain, ’nuair a thuit e marbh. Bha tinneas a chridhe air o chionn aireamh bhliadhnaichean, agus ’s ann air chomhairle nan dotairean a thainig e do Cheap Breatunn a Malden, Mass., far an robh a dhachaidh. Chaidh a chorp a thoirt air falbh gu Malden ’sa mhaduinn Di-mairt. Fhuaireadh corp boirionnaich anns an acarsaid, faisg air Point Edward, Di-satharna s’a chaidh. Thugadh gu Sidni Tuath e, agus an sin fhuaireadh a mach gu’m b’e bh’ ann corp Maggie Bonner, a bha air a call air an deigh eadar Low Point us Sidni Tuath ’sa gheamhradh ’sa chaidh. Chunnacas corp aig beul na h-acarsaid mu dha mhios air ais, agus cha’n ’eil teagamh nach b’e so e, agus ’se ’s docha gu robh e ’m barr an uisge o’n dh’ fhalbh an deigh bhar na h-acarsaid. Bha e air cnamh gu mor nuair a fhuaireadh e. Cha’n iad a mhain na daoine dubha tha air dhroch dhiol anns na Staitean a deas; tha na Mormons a nise faotainn an cuid fhein dheth. Bha triuir sheanairean Mormonach ann an cearna de Georgia a taghal gu math tric ann an tigh anns an robh dochas aca gu’n tionndaidheadh bean-an-taighe gu bhi dhe’n chreideamh ioma-mhnathach a tha iad fhein ag aidmhneil. Latha dhe na lathaichean, thainig buidheann de mharcaichean dh’ionnsuidh an taighe; thug iad leotha na seanairean, ’s cha chualas sgeul orra uaithe sin. Tha e coltach gu bheil cogadh Innseanach ri bhi anns na Staidean. Tha treibh ris an canar na “Yaquis” air ar-a-mach a dheanamh, agus chaidh blar a chur riutha leis an arm toiseach na seachdain so anns an deach aireamh a mharbhadh air gach taobh. Tha an treibh so a deanamh an dachaidh faisg air a’ chrich a tha eadar na Staidean agus Micsico. Cha’n eil ach da bhliadhna o’n chuireadh crioch air a cheannairc mu dheireadh a rinn Innseanaich nan Staidean. Lean i aireamh bliadhnachan, agus chosg i moran airgeid agus beatha dhaoine mu’n d’fhuaireadh casg a chur oirre. Tha na paipearan aig an am so a toirt droch sgeul air Margaree, sgeul, tha sinn an dochas, nach eil fior. Thatar ag radh gu bheil anns an sgireachd sin aireamh dhaoine tha deanamh ceaird de bhi beubanachadh sa milleadh bheothaichean eich us cruidh, ’sa deanamh iomadh cron eile, gu bheil iad ris an obair sin o chionn da bhliadhna, ’s gu bheil iad a nise air fas cho ladarna ’s nach leig an t-eagal le duine mhuinntir an aite am brath. Ma tha an sgeul fior, bu choir do’n luchd-ceartais an lagh a chur air obair, agus gun lasachadh gus am bi gach neach aig am bheil lamh anns an obair aingidh air a pheanaisteachadh a reir a chionta. Chaidh an tigh ’s an stor aig Pol Mullins, ann am Bateston, faisg air Louisburg, a losgadh gu lar feasgar Di-satharna s’a chaidh. B’ fhiach an tigh ’san stor ’s na bha ann de bhathar mu thri mile dolair. Tha muinntir Sidni Tuath a cur rompa stad a chur air creic stuth laidir; tha coig duine deug air an sumanadh an drasda, agus aca ri cuirt a sheasamhair an t-seachdain s’a tighinn. Cha’n eil iomradh air a leithid sin a dheanamh ann an Sidni; ’s fhada mus eil. Chaochail Sir Seumas D. Edgar, ceann-suidhe no speaker Tigh nan Cumantach, ann an Toronto Di-luain s’a chaidh. ’Se so a cheud uair, ann an eachdraidh Chanada, a chaochail an speaker ’s a Pharlamaid ’na suidhe. Bha Sir Seumas na duine tapaidh, air an robh deagh mheas air gach taobh dhe’n tigh. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Rugadh e ann a Hatley, an Cuebec, agus bha e de sheann teaghlach uasal a bha air Galldachd na h-Alba. Bha stoirm mhor thairneanach us dhealanach ann ’sa mheaduinn Di-haoine s’a chaidh. Chaidh nighean bheag le Seth Boutillier, ann an Clace Bay, a mharbhadh, agus chaidh a mhathair ’sa brathair aig an am cheudna a ghoirteachadh. Bha an tigh air a chrith cho mhor ’s gu robh moran de na soithichean a bha stigh air am bristeadh. Bha an eagalais Chaitliceach ann an Glace Bay, air a bualadh, agus tigh le fear Gealleasbuig Mac-a-Phearsain, faisg air Reserve Mines. Sguir mu dha cheud gu leth duine tha ’g obair air rathad-iarruinn Bhroad Cove, a dh’ obair toiseach na seachdain s’a chaidh, ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Cha robh iad a faotainn ach o 90c gu $1.00 ’san latha. Chaidh ionnsuidh a thoirt air daoin’ eile chur a dh’obair ’nan aite, ach dh’aobharaich sin troimhe-cheile agus cha d’ fhuaireadh air adhart leis an obair idir, na daoine ’g iarraidh $1.25 ’san latha. Bha ’san ainm gu robh Mac-Coinnich agus Mann, a tha cur air adhart na h-obrach, a’ dol a thoirt aireamh cheudan de dh’Eadailtich à Boston ’s a New York, air son an obair a dheanamh, ach ’si bharail chumanta nach robh an sin ach car. Am fios mn dheireadh a fhuair sinn bha iad air tighinn gu cordadh agus na daoine air a dhol air ais gu’n obair. Chaidh dithis dhaoin’ oga mhuinntir a bhaile so, Ulleam Kehoe, agus Seumas Doyle, a bhathadh air an acarsaid feasgar na Sabaid s’a chaidh. Bha iad a’ tilleadh a Sidni Tuath ann am bata, agus air dhaibh a bhi ’g ol gu trom, chaidh iad bhar a cheile, ’s thoisich iad air sabaid. Chaidh iad an sas ’na cheile, agus an deigh dhaibh a bhi tacan a gleachd, thuit iad a mach as a bhata. Bha fear eile, Iain Moireastan, comhla riutha, ach tha e ’g radh nach b’urrainn dha sith a dheanamh eatorra no an cumail o cheile. Rinn e na b’urrainn dha air son an sabhaladh, ach chum iad greim air a cheile agus chaidh iad fodha tiotadh beag an deigh dhaibh tuiteam thairis. Gu am sgriobhaidh, cha d’ fhuaireadh na cuirp. Dh’fhag Kehoe bean agus sianar de chloinn bhig. Bha Doyle na bhantraich, agus dh’ fhag e aon duine cloinne. Am Bathar a’s Fhearr. Na Prisean a’s Isle. GHEIBH THU SIN AIG MATHESON, TOWNSEND & CO., SIDNI, C. B. Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so. THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 30] [Vol. 8. No. 4. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 27.) steach air Cæsar, nuair a ghlaodh Brutus air sraididh na Roimhe ‘Sith Socair is Saorsa.’ Ach nach do sguab a shinnsrean an Tarquin bho gheataichibh na Roimhe, ’s am biodh esan air deireadh air a shinnsrean? Nar leigeadh Dia! ’S e bh’ ann an so éigh spioraid uasail urramaiche a bha air a’ lasadh le bhi beachd-smuaineachadh mu ’n olc. ‘Bu docha leibh Cæsar a bhi beo, agus sibh-fein am bas fhaotainn ’n ar traillibh, no gu ’m biodh Cæsar marbh agus sibhse ’n ar daoinibh saor?’” Air cluinntinn do’n chuideachd nam focal lasrach so, rinn iad fuaim-bhas agus saoilidh mi nach deachaidh iad fad am mearachd. Dh’ eirich an Seanalair, ghuidh e dhuinn oidhche mhath, agus ann an tiotan dh’ fhalbh e as an t-seombair. (Ri leantuinn.) SGEUL MU ’N ABSTOIL EOIN. Tha’n sgeul a leanas mu’n diadhair Eòin air innseadh le luchd-eachdraidh na h-eaglasi, air a thoirt a nuas do’r n-ionnsuidh o linn gu linn, agus air a chunntas firinneach. Bha Eòin air fhogradh le Domitian, aon de mhor-fhlaithean na Roimh, do dh’eilean uaigneach da’m b’ainm Patmos; ach an deigh bais an duine an-iochdmhor sin, phill e gu Ephesus, a chur air leth cleir cheart gu bhi thairis air an t-sluagh. Air dha dol gu Smyrna (baile-mor ainmeil a bha ’san tir), agus air dha ’bhi labhairt ris an t-sluagh, mhothaich e oganach eireachdail dreachmhor, a’s ni-eigin ’na aodan ’s ’na ghnuis a thalaidh a chridhe gu mor ris. Labhair an diadhair Eoin mar so ris an easbuig a shuidhich e thairis air an eaglais sin: “Beachdaich,” ars’ esan, “air an oganach ud. Gabh e fo d’ churam an lathair na h-eaglais, agus an lathair Chriosd, ceannard na h-eaglais. Tha mise ’ga earbsa ruit; cum suil air.” Gheall an t-easbuig a dheanamh mar a dh’iarradh air, agur dh’earrailich Eòin air a ris agus a ris e ’chuimhneachadh na chuir e m’a choinneamh. Thug an t-easbuig dhachaidh an t-oganach a dh’ionnsuidh a thighe fein. Thug e dha gach gnè foghluim a’s fiosrachaidh; dh’araich, dh’altrum, agus thog se e ann an eolas air Criosd; agus fa-dheodh bhaist se e. Ach cha do ghleidh an t-easbuig an t-suil sin air an oganach bu choir dha, agus a gheall e. Tharruing e suas le droch chompanaich, agus bha e taghal droch chuideachd. O bheag gu mor, chinn e gorach, peacach, mi-gheamhnuidh. Air dha dol aon uair air seachran, chaidh e air aghart a’ cur an gniomh gach gne gniomhradh eagallach. Chaill e a dhochas, a slainte, agus a mhaitheanas peacaidh. Chinn e dalma, dan—comharraichte airson gach gne ghiulan bu mhiosa na cheile. Chruinnich e mu ’thimchioll buidheann do dh’oganaich cosmhail ris fein—deas, uidheamaichte, agus togarach airson ni peacach sam bith a dheanamh. Chuir se e fein os an ceann mar cheannard. Chinn iad nan spuinneadairean ’s nan robairean; agus b’e an t-oganach truagh so b’fhiadhaiche, bu bhuirbe, agus bu tithich’ air dortadh fola, ’nam measg gu leir. Beagan bhliadhnachan an deigh so, thainig an diadhair Eoin do’n aite. Chuir e fios air an easbuig ris an d’earb e an t-oganach. “Thoir air ais dhomh,” deir esan, “na dh’earb mi riut—na dh’earb mi riut an ainm Chriosd, agus an lathair na h-eaglais air an do chuir mi thusa thairis mar easbuig. C’ait a’ bheil an t-oganach a chairich mi fo d’ churam? Freagair dhomhsa, a’s freagair do’n eaglais air a shon, agus airson anmanna air na gheall thu faire ’dheanamh.” Tharruing an seann duine osann throm. “Tha e,” ars esan, “marbh do Dhia. Chaidh e air seachran. Threig e mi. Chinn e na mheirleach, na fhear-reubainn, na spuinneadair, agus na mhortair.” “Freagair mi,” arsa Eoin, “c’ait a’ bheil e?” “Tha e,” ars’ an seann duine, “na cheannard air buidheann laidir de luchd-reubainn ’tha tathachadh nam beann, agus a tha nan culaidh-oillt do’n tir uile.” “An ann mar so,” arsa Eoin, “a choimhlion thusa na dh’earb mi riut. Faighibh dhomh each a thiota, agus faighibh dhomh fear-eigin a threoraicheas mi dh’ionnsuidh an aite sa’ bheil e ’tamh, e fein agus a’ bhuidheann ’tha maille ris.” Cha robh math cuir na aghaidh. Dh’fhalbh e féin, a’s fear eile maille ris. Rainig iad a bheinn. Choinnich cuid de na spùinneadairean e. Ghlac iad e, ’s cha do chuir e na aghaidh. “Thugaibh mi,” deir esan, “an lathair ’ur ceannaird; is miann leam labhairt ris.” Rinn iad so. Sheas an ceannard. Bheachdaich e le iongantas air an duine bha mar so a’ dlùthachadh air; ach cho luath ’sa thuig e co bh’ ann, ghrad theich e le naire—cha dùraichdeadh e a choinneachadh. Ach lean an diadhair Eoin, aosmhor mar a bha e—lean se e, a’ glaodhach na dheigh, “A mhic,” ars’ esan, “tha thu teicheadh o d’ athair! Nach stad thu? C’arson a tha thu teicheadh o sheann duine gun airm, gun chomas cioram no olc a dheanamh ort? Guidheam ort, stad!” Stad an t-oganach. Chaidh an duine beannuichte suas dlùth dha, agus, le aogas graidh thubhairt esan do ’n d’ thug Criosd moran graidh—thubhairt e, “Na diùlt mi; pill an uchd Chriosd; pill! Fag an t-aite so; fag do chompanaich pheacach. Na caill do dhochas. Na smuainich nach ’eil dochas ann; na smuainich nach ’eil maitheanas peacaidh ri fhaotuinn. Ni mise guidh agus urnuigh air do shon. Nam b’éiginn, bhasaichinn air an am air do shon, oir bhasaich Criosd air ar son le cheile. Seas; striochd;—an ainm an Athar ’sa Mhic, tha mise ’ga d’ ghlacadh. Creid mi, ’se Criosd a chuir mi mach air do thoir.” Theirinn an t-oganach as an diollaid—thug e a chlogaid dheth—thilg e an claidheamh as a laimh—thuit e air a dha ghlùn—agus ghuil a’s chaoin e mar phaisd a bhiodh air a sgiùrsadh. Chrom an diadhair aosmhor thairis air, agus shil e gu frasach a dheoir, air chor ’s gu’n robh an t-oganach a nis air a bhaisteadh le deuraibh goirt, ach deuraibh grasmhor. Phill e dhachaidh maille ri Eoin. Rinn e aidmheil fholaisaich an lathair na h-eaglais; rinn e iomadh, iomadh, ùrnuigh dhùrachdach. Cha do dhealaich Eoin ris a latha na dh’ oidhche, fad ùine mhoir—a’ leughadh na Sgriobtairean le cheile—a’ seanachas mu thimchioll an t-Slanuighir. Cha robh san eaglais an deigh sin aon duine bu chomharraichte a’s b’ ainmeil airson a dhiadhachd ’sa ghiùlan criosdail na’n t-oganach mu’n d’ innis sinn an sgeul taitneach so.—Cuairtear nan Gleann. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. LEIGHEAS BUAN. Sgriobh an t-Urr. Hy, Carter, Maddock, Springfield, E. P. I., mar a leanas, ann an Iun, 1895:—“Cha’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotul bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.” Tha an litir so a nochdadh an eifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n te a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, corr us bliadhna ’n deigh so, “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slan, ’s gu ’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaidh e. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B [TD 31] [Vol. 8. No. 4. p. 7] A FRAMBOISE. Is e so samhradh cho fliuch ’sa tha cuimhne againn. Tha gu leoir uisge ’san talamh a nise airson gach seorsa barra. Bithidh am feur gle mhath, ’s tha ’n t-arbhar a coimhead gu math e fein; agus, gu fortanach, cha do chuir daolag a bhuntata dad a dhragh oirnn fhathast. Cha ’n ’eil i idir cho sgriosach air na cladaichean so ’sa tha i mach ’san duthaich. Tha cead againn am bliadhna air a bhi ’g iasgach nan giomach gus a cheud latha de ’n fhoghar; sin cead nach d’ fhuair sinn bho chionn fada. Cha ’n ’eil teagamh againn nach bi cuid a cuir cliu riaghladh Laurier air a shon sud, ’s cha ’n ’eil fhios nach buin sin dha ann an tomhas. Tha sinne gu leir air na cladaichean so ag earbsadh air teachd an tir ris an iasgach ann an tomhas mor; agus is tric a bhitheas sinn, ma dh’ fhaoidte, a cur cliu air luchd-riaghlaidh timeil, an uair a ni iad gean math ruinn, agus gu tric a dearmad cliu agus urram a thoirt Dhasan a tha buntainn ruinn gu caoimhneil an comhnuidh, agus leis an leis an talamh is a lan. Bha ’m ministeir againn air falbh bhuainn latha na Sàbaid s’a chaidh, a cuideachadh Mr. Grannd, aig an t-sacramaid, an Grand River. Bithidh an t-sacramaid air a frithcaladh an so air an darna Sàbaid de ’n fhoghar. Tha suil againn gu ’m bi an t-Urr.Mr. Rose, a Malagawatch, againn aig an am. Is ann bho’n a sgriobh mi thugad mu dheireadh a chaidh an duin’ og sin Ruairidh Mathanach a mhuinntir Ghrannd River a bhathadh faisg air so. Bha ’n sgiorradh ud na ni gle chianail; is gann gu bheil bliadhna dol seachad nach eil sgiorradh dhe ’n t-seorsa ud a tachairt mu na cladaichean so. Cha robh e posd’ ach uine ghoirid, agus tha co-fhaireachduinn againn uile riutha-san gu leir a b’ fhaisge dha ann an daimh. Bha e na dhuin’ og measail cliuteach agus chuir an naigheachd duilichinn air na h-uile a chuir eolas air. CEANN LIATH. Iulaidh, 31, ’99 Tha duil ri Admiral Dewey a bhi air ais do na Staidean mu thoiseach October. Tha ullachadh mor ’ga dheanamh air son cuirmean a dheanamh dha, ach cha ghabh e cuireadh gu cuirm no feisd sam bith. Di-haoine ’sa chaidh aig LittleRiver mu thri mile deug a mach a Windsor, N. S., chaidh dithis dhaoine a mharbhadh le sgiorradh a thachair air an rathad iaruinn, agus bha aireamh a bharrachd air an leonadh. Tha a Gailig a fas na’s beothaile anns an t-seann dùthaich gach bliadhna. Tha moran de na h-uaislean aig nach eil Gàilig iad fhein ’ga h-ionnsachadh d’ an cloinn. Tha mi-chordadh eadar Canada ’sna Staitean a thaobh na criche eadar an da dhuthaich anns an iar thuath. Cha’n eil teagamh nach tig iad gu cordadh mu thimchioll an uine ghoirid. Tha an t-side gle chaochlaideach, agus tha e gu math doirbh do na tuathanaich an cuid feoir a ghearradh ’sa thiormachadh. Tha an ard-pharlamaid ’na suidhe fhathast, ach tha h-obair faisg air a bhi ullamh, agus cha’n fhada gus am bhi i sgaoileadh. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am Feillire. OGUST, 1899. 1 Di-mairt An Lunasdail. 2 Di-ciaduin 3 Dior-daoin Crunadh Righ Seumas III, 1640. 4 Di-haoine 5 Di-satharna Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 DI-DONAICH XI. Donaich na Caingis. 7 Di-luain 8 Di-mairt Bas Dheorsa Channing, 1827 9 Di-ciaduin Breith Iain Dryden, 1631. 10 Dior-daoin An fheill Labhrainn. 11 Di-haoine La Dailrigh, 1306. 12 Di-satharna 13 DI-DONAICH XII. Donaich na Caingis. 14 Di-luain Mort Righ Donnachadh 1040 15 Di-mairt 16 Di-ciaduin La Chillsaoidh, 1645. 17 Dior-daoin Breith an Ridir Iain Hope, 1766. 18 Di-haoine La Phreston, 1649. 19 Di-satharna 20 DI-DONAICH XIII. Donaich na Caingis. 21 Di-luain La Dhun-chaillinn, 1689. 22 Di-mairt Blar na Bratoiche, 1138. 23 Di-ciaduin Mort Uallais leis na Sasunnaich, 1305. 24 Dior-daoin 25 Di-haoine Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-satharna Bas Phadruig Ghibson, 1829 27 DI-DONAICH XIV. Donaich na Caingis. 28 Di-luain 29 Di-mairt La Loch-aillse, 1722. 30 Di-ciaduin Bas Chardinal York, 1807. 31 Dior-daoin MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 6, U. 7, M. 34 M. A Cheud Chairteal L. 14, U. 7, M. 40 M. An Solus Lan L. 21, U. 0, M. 31 M. An Cairteal mu Dheireadh L. 27, U. 7, M. 43 F. Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhua. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 32] [Vol. 8. No. 4. p. 8] Oran a Chianalais. LE NIALL MOIREASTAN, BARD PHABAIDH. FONN. Och chon mar tha mi us mi ’n am aonar, Is cianail dh’ fhag iad mi ’n seo ’nam onar; Och, mo dhiobhail nach mi b’ air tir ann Am mullach Bhlith-bhal, far am b’ og robh mi. Gur mi tha cianail ’san eilean fhiadhaich, Gur fhada ’n iar e cha ’n fhiach an t-ait’ e; ’S olc am priosan e seach na h-Innsean, Do dh’ fhear a dhiteadh airson na meairle. Nur ni mi lubadh a muigh mu’n chul aig, Tha h-Iort cho dluth dhomh ’s gu ’n cunnt mi ’n t-aiteach A th’ aig an t-sluagh ann, gur culaidh thruais mi Bhi glaiste suas ann le cuanntan gairich. Mo bhean cho neonach ’s mo chlann cho gorach ’S nach dian iad comhradh domh na ceol-gaire; Ta mi gun solas ’n am aite comhnuidh, Ach Domhnull gorach le seacaid bhan air. ’N uair thig an geamhradh bithidh mi fo champar, Gur dlu do ’n Teampull mi ’n am na daisneachd; Mi na m’ dhroch shaighdear air feadh na h-oidhche, Gu’n duine dh’fhoighniceas ciamar tha mi. Mar tha Fearagus cha dian e seanachas, Is duine balbh e ’tha marbh ’na nadur, Tha crith ’na ghluinean le fuachd na Dudlachd, ’S mar dh’ fhag an luths iad gun ’dhiult iad ramh dha. Nan dianainn sgriobhadh gur fhad o dh’ innsinn Do nabuidh dileas na thill mo nadur, Mar chothrom luaidhe ri m’ chridhe fuaighte, Ga m’ dhianamh gruaimeach a Luain ’s a Shabaid. Ri tide ghailbheach bithidh toirm na fairge Ri creagan garbha a’ stairirich laidir, Mar thorunn geamhraidh bhiodh eadar bheanntan, ’S mar stalla teann oir an ceann ’ga spairnich. Bithidh Druim-na-beisde ’nuair ni i eirigh, Gu ’n cluinn thu ’beucal le seideadh graineil, ’N a steallaibh gle-gheal ’dol dha na speuraibh, Toir’ dhiom na greine ’s Beinn Shleibhe Bhearnarai. Ge geal le neonain na raointean comhnard, Gu’m b’ fhearr ’bhi ’m mointeach nam mor bheann arda; Nan gilean lughmhor, nan geugan cubhraidh A bheireadh urachadh dha mo shlainte. Coire Bhlith-bhal’ is tric air m’ inntinn, Le fhuarain fhior-ghlain bu chubhraidh faileadh, Biolair uaine a’ fas m’ a bruaichibh, Gur mor an suaimhneas do shluagh an aite. Gach lus is boidhch’ air an tulaich chomhnard, A mach o’n t-sroin ’dhianamh lon us arach Do dhaoine breoite ’am bailtibh mora, ’S e chur ri ’n sroin ’bheireadh beo o’n bhas iad. Mu bhruach do chaochain gur pailt na caoirich, N’ an craicionn maoth gheal ’s an fhraoch gu samhach; ’S na h-uain ’s a Cheitein air luim a rheidhlein A ruith ’sa leamraich gun eis o’m mathair. Cha teirigeadh Gailig ga cur ’s an dan seo, A dh’ innseadh chasan do nabuidh eolach; Ach bho nach fheairrde mi ’bheag an trath-sa, Gu fan mi samhach ’s cha chan mi ’n corr dheth. Oran an Rodain. LEIS A BHARD CHETDNA. Innsidh mi sgial na rodain A thainig a bothag Ruairi, Fhuair iad aileadh na mine ’S ann b’ mho chruinnich iad mu ’n cuairt di; Cha robh cuip a bh’ air an culaobh Nach dianadh a chuis gu buailtean, ’S uiread mo dhuirn orra ’shodan, ’S mo mhollachd air an cluasan. ’S dh’ aithnichinn rodain Bho-na-Cilleig, ’S iad bu ghile na cuid Chracow, Nur a bhiodh iad gu tric gan nigh, ’S iad a frigheachd air na bairnich; Nur a chunn’ mi iad a’ tighinn, ’S coltas millidh air na biasdan, Thug mi oidhirp air an cunntais— Gu ’n deach iad a null air ciadan. Thainig uisge ma mo shuilean, ’S thionndain mi mo chul ’s mi ’g griosad, ’S gun dad agam gus mo thearnadh Ach an seana-chu ban gun fhiaclan. Dh’ fhalbh mi ’n uair sin as a’ liugail Air mo ghluinean ’s air mo chliathaich, ’S nur a chithinn an corc a lubadh Bu tric mo shuil air a fiaradh. Mi toir oidhirp air dhol dhachaigh, ’S gun dad unnam ach am blialum, ’S mi air chrith cho luath ri duilleig, Leum mo chuislean mar fhear fiabhruis; Gu ’m bu diombach mi do Ruaraidh O’n la chuir e ’n suas an stor dhuibh, ’Dhol a dh’ fhagail min us siucair An aite gun fiu na comhladh. Tharruing sid ead air astar O’n aite bu chleachd leo comhnuidh, Timchioll iothlainn Tigh-a-Chladaich Far ’m bu phailte bhiodh an t-eorna; Ach nan deanainn-sa sgriobhadh, ’S mi gu’n innseadh anns gach aite, Far ’na thug thu ’n aitreabh riomhach Meadhon dig agus lathach. ’S ged a rinn thu ’m balla dianach Tha do chliathaich ’na cuis naire; Fiodh air grodadh le na siantan, Nur a thuit an sgliat gu lar dhi; Seo an t-aite nach robh feumarach Air an spreidh ad a thighinn pailt ann, Bha gu leoir ann as an aonuis, Dh’ fhair’lich air daoine cur as doibh. Mur biodh ’cata glas ’g an sealg dhuinn, Moch us anamoch ’s meadhon la, Bheireadh iad asaibh na suilean, Nan tuiteadh orr’ dusail cadail; ’S cha dean mis’ guidhe gheur no sgaiteach Dha ’n fhear a tharruing sibh dlu dhomh, Ach am fear is mo am fiaclan Bhi leireadh do bhian ’s tu ruisgte. ’S greim a bhidh aig ann an ait’ ort Eadar thu us la ’roimh d’ chulthaobh, Gur mis’ a dhianamh an gaire Nam bithinn slan ris an iumradh. ’S lean cuid eile dha na Baigh thu Gu ’n d’ raineadh tu bat an Uamhais, ’S nur a rannsaich iad ’s gach ait i ’S nach d’fhuair iad cail ghabh ’d tuaileasg, ’S chum iad sios ris a chladaich, Cho na stad ead ’sa chaol ghruamach, ’S chaidh an ceann thoirt feadh na h-airde Gu na chur e failt air Ruaraidh. Cha bu choir do Ghaidheal sam bith aig am bheil meas air a chanain a bhi as aonais MHIC-TALLA. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichcan fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 33] [Vol. 8. No. 5. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 11, 1899. No. 5. CLANN NAN’ GAIDHEAL RI GUAILLEAN A CHEILE. Tha cnapach de bhaile air oirthir an ear Alba ris an can na Gaidheil “a Bhruaich,” agus na Goill Fraserburgh. ’Se so steidh iasgaich an sgadain air taobh an ear Alba. Cha ’n ’eil aite eile an Alba, na Sasunn, na ’n Eirionn,—agus tha mi smaointinn gu bheil e tearuinte gu leor dhomh a radh, nach ’eil ait’ eile air uachdar an t-saoghail—a thatar a glacadh barrachd sgadain ann na thatar a glacadh a h-uile bliadhna air grunnd iasgaich a bhaile so. Tha acarsaid mhor, fharsuing, thearuinte anns a bhaile so, a thog an riaghladh aig cosguis uamhasach airgid. Tha ballachan laidir, diongmhalta air an deanamh le cloich ghlais ghoireil, airson neart na stoirm agus na fairge bhristeadh, agus didean a thoirt do gach long agus soitheach a dh’ fhaodadh doinionn garbh a gheamhraidh fhuadach a dh’ ionnsuidh a chladaich. Toillidh suas ri da mhile bat’ iasgaich anns an acarsaid so. Tha am sonruichte dhe ’n bhliadhna air a chur am mach airson an iasgaich san aite: ’se sin o mheadhoin an t-samhraidh gu meadhoin an fhoghair; agus aig an am sin tha bataichean a tighinn as gach cearn de dh’ Alba airson an iasgaich, a bharrachd air dorlach math cheudan a bhuineas do ’n bhaile fhein. Tha daonnan aireamh mhor de Ghaidheil ann an am an iasgaich, cuid aig am bi bataichean leotha fhein, agus cuid mhor nan gillean tuarasdail air bataichean Gallda. Tha miagh mor aig na sgiobairean Gallda air gillean Gaidhealach. ’S beus do na Gaidheil a bhi gan giulan fhein gu modhail, iomchuidh, agus a bhi lan-striochdte fodh chuingean am maighstir. Tha iad mar an ceudna nan daoine foghainteach, treun, am bitheantas nan sar luchd obair, agus nam maraichean barraichte. ’Sann, uime sin, a tha meas cho mor orra am measg nan Gall. Ach ged a tha na Gaidheil striochdte, modhail, fad-fhulangach, gidheadh an uair a thogar an fhuil aca, tha aigne borb, do-cheannsuichte an sinnsir ga nochdadh fhein gu follaiseach, agus cha ghabh e sgoilear ro-fhoghluimte airson an glaodh-cath a bhios an suilean gach fir dhiubh ’leughadh, “Buaidh no bas.” Air an aobhar sin tha iomadh tuasaid ’us miothlachd ag eiridh suas eadar Goill ’us Gaidheil aig am an iasgaich; agus bha an gnothuch riamh na bu truime air na Gaidheil an am cuirt a sheasamh. Mar bu trice cha bhiodh a bheag de Bheurla aig na Gaidheil airson an cuisean fhein a reusanachadh am mach air beulaobh an t-siorram, agus cinnteach gu leor, nan rachadh Gall agus Gaidheal a thoirt gu cuirt, ged a bhiodh an Gall coireach, mar is minic a bha, ’s e ’n Gaidheal a rachadh a pheanasachadh. Air an aobhar sin cha ruig sinn a leas iongantas a bhi oirnn ged a bha nadur uaibhreach, ard-inntinneach nan Gaidheal air uairibh a faotainn buaidh orra, agus ’nuair a gheibheadh iad greim air da no tri Ghoill san tigh-osda bheireadh iad fuchdadh dhaibh nach di-chuimhnicheadh iad an uine ghearr. Bheirte sin na Gaidheil gu lagh, agus cha rachadh tlus no trocair a nochdadh dhaibh, is bhiodh an gnothuch na bu mhiosa na bha e riamh. Bha cuisean a dol air aghaidh ’san doigh so o bhliadhna gu bliadhna, gus an gann a bha chridhe aig Gaidheal a shuil a thogail idir ri Gall, ar-neo rachadh a thoirt suas do ’n lagh agus a pheanasachadh gu h-an-iochdmhor. Bha na Gaidheil gam burabanachadh o nach robh iad a faotainn an darna cuid ceartas o na Goill ar-neo cothrom air dioghaltas a dheanamh orra. Anns an t-samhradh 1874, bha an t-ana-ceartas so air a thoirt do na Gaidheil mar a b’ abhaist. Ach air aon fheasgar sonruichte Sathurna, bha na h-iasgairean ’s na taighean-osda sud ’sa so air feadh a bhaile. Thachair gu robh anns a “Chommercial Inn” grunnan beag de Ghoill ’s de Ghaidheil am measg a cheile. An uair a bhlathaich Mac-na-braiche air na fearaibh thoisich bruidhinn mhor ’us monabhur, agus air an deireadh tuasaid. Bha duine mor, ruadh a sin ris an canadh iad Jock Legg. B’ esan ceatharnach bu chalma ’s bu chrosda bha measg nan Gall. Chaidh e-fhein agus Iain Domhnullach, a Eilean Leodhais, am mach air a cheile. Cha robh ni ris a chuis a chuir an darna taobh ach buillean cruaidh nan dorn. Chaidh na seoid am bad a cheile; cha robh fhios co bu taire; ach air deireadh thall fhuair an Gall gu ’n d’ thug e sgian as a phoca, agus mu ’n d’ fhuair an Domhnullach casg a chuir air, bha i air a stobadh an cul na cluais aige. Aig an am cheudna thainig na maoir, agus rugadh orra le cheile ’s thugadh air falbh iad a dh’ ionnsuidh na police station. Le mineachadh Jock Legg air na cuisean, leig na maoir as e, agus ghlas iad suas Iain Domhnullach air a chiontachadh mar cheann aobhair na h-aimhreit. Bha na Gaidheil eile bha lathair ’nuair a bha ’n t-sabaid ag obair, air an losgadh a dh’ ionnsuidh a chridhe a faicinn a Ghoill chiontaich air a leigeil fo sgaoil, agus an Gaidheal neo-chiontach air a phriosanachadh. Lean aireamh mhor (araon Goill ’us Gaidheil) na maoir a dh’ ionnsuidh na police station. Bha aon Ghaidheal tapaidh, curanta nam measg d’ am b’ ainm Murchadh Mac Leoid. Sheas iad aig an aite ris an canar “a Chrois,” air meadhoin Broad Street, ma choinneamh na police station.. “A chairdean,” arsa Murchadh, “nach sinn ’tha ceacharra ’nuair a tha sinn ga leigeil so air aghaidh! Tiugainnibh agus iarramaid orra gu modhail, siobhalta, iad a leigeadh as Iain Dhomhnullaich, agus mar a leig iad as e ga ’n deoin their sinn riutha gu leig iad as e ga ’n aindeoin.” Chaidh Murchadh agus baidean beag eile a dh’ ionnsuidh an doruis, agus dh’ iarr iad cho modhail ’sa b’ urrainn iad, an duine ’bh’ aca stigh a sud a leigeadh am mach. Cha b’e taghadh na taing a fhuair iad airson sin iarraidh. “Ma ta,” arsa Murchadh, “mar a leig sibh am mach e gabhaidh sinn ceumannan eile airson a thoirt am mach a dh’ aindeoin.” “Gabhaidh sinne ceumannan eile airson am mi-mhodh a thoirt asadsa dh’ aindeoin,” thuirt na maoir ’us iad a breith air Murchadh agus air ceathrar no coignear eile. Ach cha robh sin mar an cuid fhein dhaibh, an gaisgeach a bha ’labhairt fhaotainn bho smachd nan glas-lamh. Chunnaic Murchadh gu robh ’chompanaich uile fodh ’n ghlas-laimh, agus gu ’m feumadh e deanamh air a shon fhein. “Tha mi faicinn,” ars’ esan, “nach ’eil a so ach ‘Iain, a mhic, thoir thu fhein as,’ ”—agus e ’toirt leum am mach air an dorus, a pronnadh ’sa spadadh a h-uile maor a thigeadh na ghaoth. ’Se cheud aite ’thug e mach tigh-osda Saltoun, ’us e glaodhaich aird a chlaiginn, “A chlann nan Gaidheal, leanaibh mise!” Bha aireamh mhor do ghillean Gaidhealach ag ol an tigh-osda Saltoun, agus ma ’n do ruith coig mionaidean bha feachd do ghaisgich Gaidhealach cho eireachdail ’sa sheas riamh air raon batail, aig crois na Bruaich, ’us Murchadh air an ceann, gun mac samhailt dha ri fhaotainn o’n bha am Brusach treun air ceann a shluaigh fhein aig Allt-a-Bhonnaich. Cha robh an naigheachd fada sgaoileadh, air chor ’s nach robh mac Gaidheil ’sa Bhruaich nach robh aon uair eile guaillean ri guaillean. Agus b’e mo thruaighe, graisg a dh’ fheuchadh ri bacadh sam bith a chur orra. ’S iad a chreanadh air. Cha robh na garraich Ghallda fada sgapadh air feadh gach aite, ’us da rireadh bha iad na am. Cha chluinneadh tu sin ach bruidhinn sa Ghailig. Neach sam bith nach b’ urrainn Gailig a bhruidhinn b’e an gliocas dha ’chasan thoirt as. Gu fortanach bha na Goill cho glic ’us nach do dh’ fheuch iad ri tilleadh sam bith a chuir air na Gaidheil. Nam biodh iad air feuchainn ri sin a dheanamh bha iomadh claigionn briste ’sa Bhruaich an oidhche sin. Cha b’ fhiach e bhi bruidhinn air na thugadh do dhroch laimhseachadh. Bha nadur nan Gaidheal cho glan agus nach b’ urrainn iad ana-ceart sam bith a thoirt do na Goill an uair a chunnaic iad cho gealtach, diblidh, similidh ’sa theich iad as an rathad an uair a chunnaic iad an colg a bh’ air siol cruadalach, cruaidh-chathach nan Ceilteach. Bha corra dhuine airson sin a faighinn droch dhorn an drasda ’sa rithist. Bha maor ann a chuir air aodach duine chumanta agus a chaidh am measg nan Gaidheal feuch an deanadh e am mach pairt dhe na bha ’san aimhreit; ach cha robh esan fad’ ann an uair a rinneadh am mach e-fhein, agus fhuair a fear sin a leithid de dhroch laimhseachadh ’s nach do rinn e car ceart ’na dheigh. ’S ann mu dheich uairean de dh’ oidhche bha an upraid so dol air aghaidh. Ghabh an fheachd Gaidhealach sios a dh’ ionnsuidh a chladaich; thug iad crann a te dhe na bataichean iasgaich; chuir iad air an guaillean e, agus mhears iad suas leis, ’us iad a glaodhaich am Beurla ’s an Gailig, “Thigibh ’s gu faiceadh sibh an iuchair Ghaidhealach a fosgladh a pholice office.” Sheas iad air beulaobh a pholice office; thug iad an crann bhar an guaillean agus ghlac iad le ’n lamhan e, sreath air gach taobh dheth—sheol iad an darna [TD 34] [Vol. 8. No. 5. p. 2] ceann air an dorus—ruith iad le roid bheag a stigh, agus air a cheud bhuille bha ’n dorus mor na sgealban air an urlar; a h-uile dorus eile bh’ ann air an doigh cheudna. Leigeadh na priosanaich fa sgaoil. Cha d’ fhag iad bord na preasa gun leagadh gun bhristeadh. An t-airgead a bha ’sna dradhairean fhrois iad am mach air feadh na sraide e. Shrac iad gach paipear is leabhar a bha fodh chabair an taighe; ’s cha robh anail no anam ’sa Bhruaich an oidhche sin aig a robh de dhanadas na chanadh, tha sibh a deanamh gu h-olc. Bha an t-ard mhaor ’sa bhean ’sa theaghlach ann a seomar mullach a pholice office, ’s cha robh duil aca gu faiceadh iad soills’ an latha gu dilinn. Bha iad a smaointinn gum bi a chlach a b’ isle clach a b’ airde dhe ’n aitreamh ma ’n tigeadh maduinn Di-donaich. An uair a thuirt Murchadh ris fhein gu robh aicheamhal a chairdean air a thoirt am mach, thuirt e riutha iad a sgaoileadh ’sa dhol do ’n taighean loidsidh cho luath ’sa b’ urrainn iad; agus duine sam bith air a robh falt no fiasag i bhi air a toirt dheth ma ’n tigeadh e mach am maireach. Fada mu ’n do smaointich duine air eirigh Di donaich bha maor ’sa h-uile taigh loidsidh a ceasnachadh nan cailleachan Gallda, ’sa foighneachd c’uin a bha na loidsairean a stigh an raoir. Cha robh sin gle fhurasda do na cailleachan innse. Cha ’n e doigh a bhaile mhoir a bha na cailleachan a gnathachadh a sud idir—a glasadh a h-uile dorus m’a rachadh iad a chadal—’s ann a bha na dorsan air a fagail an uireachd nan loidsairean fhein gus iad g’an dunadh uair sam bith a thigeadh iad dhachaidh. Bha na rumannan air am paigheadh aig na loidsairean; agus, uime sin, cha robh chridh’ aig a chailleach bacail sam bith a chuir air an tigh’n dhachaidh no air an dol am mach, ar-neo cha bhiodh teud reidh ’sa chlarsaich. Bha rum ’us cidsinn aig a chailleach ’us aig a teaghlach air an son fhein. Dh’ fhaodadh iad an fheadhainn sin a dhunadh ’sa ghlasadh mar a thoilicheadh iad; ach cha robh turas aca ri ghabhail ri rumannan nan loidsairean aon uair ’s gu ’n d’ thigeadh an oidhche. Thug so cothrom mor do ’n fheadhainn a bha ’san aimhreit. Cha b’ urrainn na cailleachan innse gu de an t-am aig an robh iad a stigh an raoir. Air an laimh eile tha fasan aig na Gaidheil nach bi iad deonach dol a dh’ fhuireach do dh’ aite sam bith ach comhla ri cheile. Bha so na chothrom mor dhaibh cuideachd, nach robh coigreach sam bith a fuireach nam measg a dh’ fhaodadh am brath. Cha robh suil dhubh ri fhaicinn aig duine ach corra fhear de mhuinntir na Beurla fhein. Cha deach sgrobag fola a dheanamh air mac Gaidheil; sheas iad cho dileas air cul a cheile. Na chailleadh de dh’ fhuil ’se na Goill a chaill i; air an aobhar sin bha cheart uiread de dh’ eagal orra romh ’n lagh ’sa bh’ air na Gaidheil; agus ceart ’s mar a thug na Gaidheil dhiubh am falt ’sam fiasag, rinn na Goill a leithid eile. Tha e na chleachdadh aig na h-iasgairean a bhi falbh o aite gu aite far an cluinn iad am bheil iasg ri fhaighinn, agus mar sin cha ’n ’eil iad trom air a bhi dol gu borobair idir. Ma dh’ fhaoidte nach bi aon bhorobair far am bi iad air uairibh; uime sin, tha e iomchuidh gun toir an darna fear am falt far an fhir eile, agus gu bearr a h-uile fear e-fhein. Bha so a rithist na chothrom dhaibh. An aite dol gu borobair air son am falt a ghearradh, rinn iad fhein a cheart cho math. Dh’ fhairtlich air na maoir a chuis a dhearbhadh an aghaidh duine dhe na Gaidheil. Cha’n fhacas maighdeannan riamh bu chiuine, cubhaidh, ’s bu neo-luasganach inntinn na na Gaidheil, ’nuair a thainig iad am mach Di-donaich. Cha robh suil an ceann duine a dh’ aithnicheadh gu ’n do rinn iad ni cearr riamh. Ged a b’e so tuasaid a b’ ainmeile a rinneadh riamh ann an eachdraidh nan iasgairean Albannach, gidheadh fhuair na Gaidheil moran cliu ’us meas, agus sin eadhoin o na Goill fhein, ged bu namhaideach dhaibh iad roimhe sin. Ged a bhrist na Gaidheil am police office ’s na bha na bhroinn; ged a shrac iad na bha ’phaipearan ann, ’s ged a thilg iad na dradhairean ’san robh an t-airgead am mach air an t-sraid, ’nuair a chaidh an t-airgead a thogail ’sa chunntais suas, fhuair iad nach robh an aon bhonn-a-sia g’an dith. ’S mor an cliu agus an t-urram a chuir sin air na Gaidheil; agus tha mi smaointinn gu ’n do ghabh na Goill fhein leasan uaithe. ’Nuair a thainig na fir am mach airson dol do ’n eaglais, cha ’n aithnicheadh tu do nabuidh seach an duine nach fhaca tu riamh. Bha ceann ’us bus lom aig a h-uile fear, ’sa fear air an robh fiasag ruadh roimhe, bha stuth dubh air a shuathadh ri ’bhus a bheireadh ort a chreidsinn gur e fiasag dhubh a bh’ air. ’Sa mhaduinn Di-luain bha reiseamaid de shaighdearan dearga an deigh a thoirt a daighneach Abaraidhean, ’s iad am mearsadh suas ’us sios, le ’m pioban ’us le ’n drumaichean, gu ’n fhios c’arson, ’s nach robh am baile riamh cho sitheil ’s cho socair ’sa bha e ’n latha sin. Na bha ’dh’ upraid ’sa bhaile an latha sin, ’se na saighdearan fhein a bha ’ga dheanamh. Bha bata-gunna a thugadh a Abaraidhean cuideachd, na laidhe aig beul na h-acarsaid. A nis b’ abhaist do na bataichean a bhi falbh gu muir gle mhoch ’sa mhaduinn Di-luain, a chionn bha aca ri dhol astar tri fichead mile na barrachd gu muir, ’us bhiodh iad a falbh cho moch ’sa b’ urrainn iad; ach air an latha so bha e suas ri meadhoin latha ’s cha robh coltas gu robh bata dol gu muir. Chuir luchd-riaghlaidh a bhaile a sin an comhairle ri cheile, agus chunnaic iad iomchuidh na bataichean a leigeadh gu muir. Bhiodh e ’na chall mor do ’n bhaile ’s do ’n rioghachd cabhlach iasgaich na Bruaiche a chumail air ais o iasgach, eadhon aon oidhche, a chionn tha iasgach an sgadain ro-phrothaideach do ’n rioghachd. Tha miltean air mhiltean de bharaillean sgadain a falbh as a Bhruaich a h-uile bliadhna gu ruige St. Petersburg, agus iomadh cearn eile do Ruisia, far am bheil e deanamh airgead mor, air chor ’s gur a math a b’ fhiach do riaghladh Bhreatunn a h-uile goireas a b’ urrainn a chuideachadh ris na h-iasgairean, ’s tha iad ’ga dheanamh sin. Thugadh cead do na bataichean dol am mach; ach cha robh h-aon ri dol seachad air a bhata-ghunna gun an sgioba a bhi innte air fad, ’us bha muinntir a bhata-ghunna a gabhail ainm ’us aireamh a h-uile bata bha dol am mach; agus an am dhaibh tilleadh a stigh an ath latha dh’ fheumadh iad mar an ceudna an sgiobadh a bhi annta air fad, air eagal ’s gum faodadh gu ’n do chuir iad pairt de ’n sgiobadh air tir an ait’ eile. Lean iad air an doigh sin fad na seachdain—am bata-gunna air muir, ’s na saighdearan air tir a geard a bhaile—ach ’s beag a ruigeadh iad fhein a leas sin, bha an sluagh modhail gu leor. Cha robh duine ri leigeadh air falbh leis a charbad-iaruinn, ach fear a dhearbhadh gur e bona fide traveller a bh’ ann. Bha na maoir air feadh nam bataichean ’s nan taighean comhnuidh feuch am faiceadh no ’n cluinneadh iad rud sam bith leis am b’ urrainn iad greim fhaotuinn air duine. Ach a dh’ aindeoin an cuir agus an innleachdan ’se ceathrar no coignear de Ghaidheil a ghlac iad air amhrus; agus fhuair iad sin fhein fa sgaoil le coig puinnd Shasunnach cain a chuir air gach fear dhiubh. Rinn na Gaidheil co-chruinneachadh airgid na ’m measg fein, ’s cha robh e na uallach mor sam bith orra a chain a phaigheadh. Bha Murchadh air fear de ’n fheadhainn air an deach na coig puinnd Shasunnach cain; ach cha b’ ann airson a bhi na cheannard air na Gaidheil, ach airson cho fior dhoirbh ’sa ghleachd e ris na maoir an uair a bha iad a feuchainn ris a ghlas lamh a chuir air mu ’n do thoisich an tuasaid. Bha coinneamh mhor aig uaislean ’s luchd-ughdarras siorrachd Abaraidhean, agus chunnaic iad na ’n rachadh droch ceartas a thoirt do na Gaidheil gu ’m faodadh aramach eirigh suas, agus cha robh toil aca gu ’n tigeadh Bliadhna Thearlaich a rithist; uime sin leig iad leis na Gaidheil air an aon seasamh cas ris na Goill, ’s cha do ghabh iad aithreachas fhathast airson sin a dheanamh. Fhuair triuir chartairean Gallda am peanasachadh gu doirbh, ach mar a biodh iad ciontach cha ’n fhaigheadh iad sin. ALBANNACH. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXIII. A DOL TARSUINN NA H-AIMHNE. Bha sinn uile air ar bonn gu math moch Di-luain. Shuidhich sinn gu ’n tugamaid oidhirp air bruaich na h-aimhne a leantail, an dochas gu’n rachadh againn air faighinn tarsuinn oirre uair eiginn mu’n tigeadh am feasgar. Ghabh sinn a’ cheart rathad a ghabh sinn Di-domhnaich. An uair a choisich sinn beagan mhiltean air ar socair—oir cha b’ urrainn duinn cabhag a dheanamh ged a bhiodh toil againn—suas ri bruaich na h-aimhne, thainig sinn a dh’ionnsuidh aite anns an robh an amhainn a’ ruith eadar dà bhearradh a bha anabarrach cas, agus gle dhluth air a cheile. Ghrad thuirt Tomas gu’m b’e sid a’ cheart aite anns am b’ fhearr dhuinn faighinn tarsuinn air an amhainn. A nis, ’nar sealladh-ne, cha robh bad eile dhe’n amhainn bu mhi-choltaiche ri faighinn tarsuinn air na ’m bad ud. O’n a bha ’n amhainn cho cumhang, bha’n sruth anabarrach bras; agus bha leithid de ghàir aig an t-sruth ’s gur gann a chluinneadh duine a ghuth fhein. Ach thug esan an aire gu ’n robh craobh anabarrach àrd a’ fas gu math dlùth air bruaich na h-aimhne, agus, nan rachadh againn air a gearradh air dhòigh ’s gun tuiteadh i tarsuinn air an amhainn, gu’m biodh e furasda gu leor dhuinn faighinn tarsuinn oirre. Cho luath ’s a tharruinn e ar n-aire g’a ionnsuidh so, thuig sinn gur docha gu ’n gabhadh an gnothach deanamh. Ach cia mar a b’urrainn duinn craobh a bha cho garbh aig a bonn ’s nach deanadh dithis dhinn ach gu’n ruigeamaid air eiginn air lamhan a cheile, a ghearradh leis an tuaidh bhig a thug sinn leinn gu gearradh mheanglan ’s gu bristeadh bhioran? B’e so a’ cheisd a chuir a h-uile fear dhinn ris fhein ach Tomas ’na ònar. “Bheir gearradh na craoibhe ùine mhath dhinn gun teagamh; ach theid againn air,” arsa Tomas. “Tha mise cinnteach gu’n tuit i direach tarsuinn na h-aimhne. Tha na geugan a th’ oirre gu math na’s mò agus na’s truime air an taobh a’s fhaisge dhe ’n amhainn.” Ged nach robh sinn toileach teannadh ri gearradh na craoibhe, bu leasg le aon seach aon dhinn cur am muigh ’s am mach an aghaidh tòiseachadh, an uair a chunnaic sinn cho sunndach ’s a chaidh Tomas fhein an toiseach ’na dàil. Bha fear an déigh fir dhinn a’ toirt greis leis an tuaidh; agus an àm dhuinn sgur am beul na h-oidhche, bha beum math againn air a ghearradh innte. Chaidh sinn gu math moch ’na dàil an la-iar-na-mhaireach; gus mu’n do thuit an oidhche, bha i ’na sineadh tarsuinn air an amhainn. [TD 35] [Vol. 8. No. 5. p. 3] Dh’ fhan sinn fad na h-oidhche far an robh sinn, o nach robh de latha againn na leigeadh leinn ar cuid imrig a thoirt a nnll gu sabhailte. A bharraehd air so, cha robh fhios againn nach fhaodadh iomadh cunnart a bhith romhainn air taobh eile na h-aimhne; agus air an aobhar sin, smaoinich sinn gu ’m b’ e ar gliocas fuireach far an robh sinn gus an tigeadh a’ mhadainn. An uair a thainig a’ mhadainn, b’ e ’cheud obair a bha ri dheanamh, feuchainn an rachadh againn ri dhol tarsuinn na h-aimhne air a chraoibh. Bha Tomas toileach a’ cheud ionnsuidh a thoirt air a dhol a null. Ach cha robh sinn deonach leigeadh leis. Bha sinn uile ’tuigsinn, nan eireadh beud dhasan, gu’m bu cho math duinn tilleadh an taobh as an d’ fhalbh sinn. Bha fear dhe na seirbhisich—an duine dubh a bhiodh againn a’ còcaireachd—gle thoileach a’ cheud oidhirp a thoirt air a dhol a null. Bha e ’na shamhaiche anabarrach math, agus nan tachradh dha tuiteam bhar na craoibhe do ’n amhainn, cha b’ eagal nach snàmhadh e gu tir. O’n a bha e fhein cho toileach a cheud oidhirp a thabhairt, leig sinn a thoil fhein leis. Chaidh e null gun fhiamh gun eagal; agus thuig sinn gu’n robh a’ chraobh laidir gu leor gus fear sam bith dhinn a chumail. Thug sinn ùine nach bu bheag air a dhol tarsuinn na h-aimhne air a’ chraoibh. Dh’ fheumadh gach fear dhinn a dhol a null air a ghluinean ’s air a chrògan, agus dh’ fheumamaid a bhith glé fhaicleach air eagal gu’n tuiteamaid sìos do ’n amhainn. A bharrachd air so, cha rachadh aig fear sam bith dhinn air moran a thoirt a null air ar muin. Am beagan a bheireamaid leinn, dh’ fheumadh e bhith air a cheangal gu teann, cruaidh air ar muin, agus mur tugamaid ar ceart aire, bhiomaid ann an cunnart gu’n tugadh na h-eallaich, beag ’s mar a bha iad, air falbh bhar na craoibhe sinn. Bu mhise an t-aon neach dhe’n triuir mhaighstirean nach robh deonach dad a thoirt a null. Bha eagal orm nach seasadh mo cheann ris. Agus an uair a chuala cach nach robh mi deonach dad a thoirt leam, cha do chuir iad dad an aghaidh dhomh a dhol tarsuinn mar a bha mi. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, faodaidh mi radh gu’n d’ fhuair sinn uile gu sabhailte tarsuinn na h-aimhne. Bha sinn gle thoilichte gu’n deachaidh cùisean leinn cho math. O’n a bha e teannadh dluth air an fheasgar, smaoinich sinn gu’m bu cho math dhuinn an oidhche a chur seachad far an robh sinn. Cha robh againn de bhiadh ach gann na chuireadh seachad an oidhche. Ged a dh’ fhag sinn biadh air taobh eile na h-aimhne, cha robh toil againn tilleadh ’ga iarraidh gus an tugadh an fhior eiginn oirnn. Chuir sinn romhainn gu ’n deanamaid leis na bh’ againn, agus gu ’n cuireamaid ar n-earbsa ann am freasdal Dhe air son an latha maireach. Cha robh an t-aite anns an do chuir sinn seachad an oidhche cho fior chomhfhurtail ’s bu mhath leinn, ach b’ eiginn duinn cur suas leis. Chaidh greis mhath dhe’n oidhche seachad mu ’n do ghabh sinn mu thamh. Ged a bha dithis dhe ar n-aireamh ’nan caithris, bha ar cadal gle luaineach; oir bha sinn a’ toirt oirnn fhein a chreidsinn gu’n robh cunnartan is uidil is annradh a’ feitheamh oirnn. Cha do chuir creutair sam bith dragh oirnn fad na h-oidhche; agus an uair a dh’ eirich sinn, bha sinn gu math na b’ fhearr misneach na bha sinn an àm dol a laidhe. Chaidh buidheann dhinn a shealg, agus bha buidheann eile aig a’ cheart àm a’ siubhal air son mheasan. Bha measan dhe gach seorsa gle phailt anns gach cearn dhe’n rioghachd fharsuinn ud; oir, ann an teas an latha aig gach àm dhe’n bhliadhna, tha’n t-side cho blàth ’s cho bruthainneach ’s ged a bhiodh duine ann an taigh-teith. Bha fhios againn uile—oir dh’ innis Tomas, am fear aig an robh fhios air h-uile rud, dhuinn—gu ’n robh moran de chrodh fiadhaich air feadh na rioghachd, agus gu ’n robh daoine a’ marbhadh moran dhiubh, agus ’g am fàgail ann an sid an uair a bheireadh iad dhiubh na seiceannan. Bha faighneachd mhath agus deadh phris air na seiceannan; agus, air an aobhar sin, bha iomadh duine a’ deamamh deadh phaigheadh bliadhna air a bhith ’marbhadh a’ chruidh fhiadhaich. A bharrachd air a bhith sealg a’ chruidh fhiadhaich, bhiodh na daoine ud, mar bu trice a’ spuinneadh luchd turuis a bhiodh a’ dol air ais ’s air aghart troimh ’n dùthaich. Aig an àm ud, agus eadhoin gus an latha ’n diugh, cha robh luchd-riaghlaidh na rioghachd a’ gabhail mor dhragh ri stad a chur air na daoine a bhiodh ris an obair so. O’n a bha iad a’ paigheadh sùim àraidh a h-uile bliadhna do’n luchd-riaghlaidh air son cead fhaotainn a bhith marbhadh a’ chruidh fhiadhaich, bha ’n luchd-riaghlaidh cearta coma ciod a dheanadh iad. Cha robh e furasda ’cur nan aghaidh nan tachradh iad ri daoine. Bhiodh iad a’ marcachd, agus bhiodh buidheann mhath dhiubh cuideachd mar bu trice. Ged a bha na daoine so ’nan culaidh-eagail dhuinn, bha culaidh-eagail eile ann bu mho na iad, agus b’e sin, na nathraichean mòra a bha ann an iomadh cearn dhe’n rioghachd. Bha na nathraichean so pailt gu leor anns an àm ud, agus is cinnteach gu’m bheil iad pailt gu leòr fhathast; agus o’n a chunnaic sinn té dhiubh an lath’ ud fhein, tha e cho math dhomh beagan a radh mu’n deidhinn. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. VI. Chaidh an seirbhiseach am mach, agus ghlas e dorus a’ chaisteil air eagal gu’n teicheadh am prionnsa. Ruith e cho luath ’sa bha ’na chnamhan do ’n luchairt, bog, fluich, mar a bha e. Thachair gu’n robh an righ aig an am a’ comhradh ris an ard-chomhairleach, agus e ag innseadh dha, gu’n do chuir e seachad an oidhche gle thursach a chionn gu’n robh a mhac cho eas-umhail dha. Bha ’n t-ard-chomhairleach a’ feuchainn ri misneach agus comhfhurtachd a thoirt do ’n righ, agus ag radh ris, nach ruigeadh e leas aithreachas a bhith air air son mar a rinn e air a mhac, agus nach robh aige ach foighidin a dheanamh, agus gu’n tugadh beagan uine ann am priosan a mhac gu bhith umhail gu leor dha. Mu ’n gann a chuir an t-ard-chomhairleach crioch air na briathran so, thainig an seirbhiseach a steach, agus thilg e e-fhein sios aig casan an righ. “Mo thighearna,” ars’ esan, “tha doilighios mor orm a chionn gu’n robh agam ri tighinn le fior dhroch naigheachd do ’r n-ionnsuidh. Tha fhios agam gu ’n toir mo naigheachd an tuilleadh broin dhuibh. Tha ’m prionnsa air a dhol as a rian. Tha e ’sior bhruidhinn air bean-uasal araidh, a tha e ’g radh a bha ’na laidhe anns an leabaidh comhladh ris an raoir. Mar dhearbhadh gu ’m bheil mise ag innseadh na firinn dhuibh, foghnaidh dhuibh an droch dhiol a rinn e ormsa thoirt fa near.” An sin dh’ innis e a h-uile facal a thuirt Alsaman ris, agus an droch dhiol a rinn e air. Cha robh duil sam bith aig an righ gu’n tigeadh naigheachd mhuladach dhe ’n t-seorsa so g’ a ionnsuidh, agus thuirt e ris an ard-chomhairleach, “Is e gnothach muladach a tha ’n so. Grad bi falbh, agus faigh am mach ciod a tha cearr, agus na bi fada gun tighinn air ais a dh’innseadh dhomhsa mar a tha cuisean.” Rinn an t-ard-chomhairleach gun dail sam bith mar a dh’aithn an righ dha. Rainig e an seomar anns an robh am prionnsa, agus fhuair e e ’na shuidhe gu reumhail, stolda, agus leabhar ’na laimh a bha e ’leughadh. An uair a chuir iad failte air a cheile, agus a shuidh an t-ard-chomhairleach ri ’thaobh air an leabaidh, thuirt e, “Mo thighearna, bu mhath an airidh gabhail gu math ’s gu ro mhath air an t-seirbhiseach agad, a chionn e dhol far an robh an righ le naigheachd a chuir eagal mor air.” “Ciod an naigheachd a bh’ ann,” ars’ am prionnsa, “agus cia mar a chuireadh i eagal air an righ? Tha aobhar gu leor agamsa air a bhith ’gearain air an t-seirbhiseach sin.” “A phrionnsa,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “nar leigeadh Dia gu’m biodh an naigheachd a dh’innis e do d’ athair mu do dheidhinn fior. Agus tha ’n suidheachadh inntinn anns am bheil thu a’ nochdadh dhomhsa nach d’ innis e an fhirinn.” “Is docha nach d’ innis e a naigheachd mar bu choir dha,” ars’ am prionnsa; “ach o’n a thainig tu, tha e iomchuidh gu’m faigheadh tu fios air ni eiginn mu ’n chuis. Ceadaich dhomh fhaighneachd dhiot, co bhean uasal a laidh ri mo thaobh an raoir?” Cha robh smid sios no suas aig an ard-chomhairleach an uair a chual’ e na briathran so. Ach an uair a thainig e g’ a ionnsuidh fhein thuirt e, “Mo thighearna, na cuireadh e annas sam bith ort ged a tha do bhriathran a’ cur ioghnaidh gu leor orm. Am bheil e comasach gu’n tigeadh bean-uasal, no neach sam bith eile, a steach an so air doigh sam bith eile ach troimh ’n dorus? Agus o ’n a bha ’n seirbhiseach ’na laidhe aig cul an doruis, cha b’ urrainn neach sam bith tighinn a steach gun fhios dha. Smaoinich thusa air a’ chuis gu math, agus tuigidh tu gur e bruadar a chunnaic tu.” “Coma leam dhe do chuid bruidhne.” ars’ am prionnsa ’s e ’togail a ghuth gu math ard; “feumaidh tu air a h-uile cor fios a thoirt dhomhsa gun dail sam bith, ciod a thachair do ’n mhnaoi-uasail; agus mur grad ghabh thu mo chomhairle, bheir mise ort gu’n gabh thu i, olc air mhath leat.” An uair a chual’ an t-ard-chomhairleach na briathran laidir so, cha robh fhios aige ciod a theireadh e. Bha e ’dol fo ’smaointean car tiotaidh feuch cia mar a gheibheadh e e-fhein as a ghabhadh anns an robh e. Dh’ fheuch e, le chomhairlean ’s le comhradh ciuin, taitneach, ri ciall is reusan a chur anns a’ phrionnsa; ach a dh’ aindeoin na theireadh e ris, bha ’m prionnsa cho fada ’na bharail fhein ’s a bha e riamh. Mu dheireadh ghuidh e gu durachdach air, gu’n innseadh e dha am faca e gu soilleir a’ bhean-uasal. “Chunnaic mi i gun teagamh sam bith: agus tha mi gle chinnteach gur tusa chuir ann i gus deuchainn a chur orm. Rinn ise gach ni a dh’ iarr sibh oirre cho math ’s a ghabhadh deanamh; oir dh’fhairtlich orm gu’n tugainn facal as a ceann. Bha i leigeadh oirre gu’n robh i ’na cadal; ach cha bu luaithe thuit mise ’nam chadal na dh’ eirich i, agus thug i i-fhein as. Tha fhios agadsa air so gle mhath; oir cha ’n ’eil teagamh agam nach d’ thug i dhut cunntas air a h-uile car mar a dh’ eirich dhi. “Mo thighearna,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “tha mi ’toirt mo mhionnan dhut nach ’eil dad a dh’ fhios agamsa mu dheidhinn na mna-uaisle air am bheil thu bruidhinn; (Air a leantuinn air taobh 38.) [TD 36] [Vol. 8. No. 5. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., OGUST 11, 1899. AIMHREIT AN T-SAOGHAIL. Mu ’n am so an uiridh bha America mu thuath fuaimneach, luasganach, trioblaideach, do bhrigh gu robh cogadh eadar na Staidean agus an Spainn ann an Cuba. Bha sluagh lionmhor anns na Staidean a bha ’creidsinn gu robh na Cubanaich a’ fulang euceirt eagalaich; agus, air an aobhar so, gu tainig an t-am anns am bu choir do na Staidean,—cairdean iomraiteach agus eudmhor na sith agus a’ cheartais—an claidheamh a tharruing as a thruaill agus fuasgladh ’fhaotainn no ’thabhairt a mach do na Cubanaich bho chumhachd an-iochdmhor nan Spainnteach. Ged a bu na daoine ’b’ fhearr a bha riamh air an t-saoghal a tha no bha anns na Spainntich, is gle bhochd a fhuaradh iad riamh, leis gach feachd ’us cabhlach a bha aca, ann an saorsa no soirbheachadh no cuisean fabharach a chosnadh no a bhuileachadh air na Cubanach. Ann an uine ghearr chaidh cabhlach na Spainne ’chur as an rathad, agus striochd ceannardan na Spainne, gun buille ’bhualadh, do cheannardan nan Staidean. B’ fhearr gu fada mor aon latha de Nelson, ceannard urramach a’ chabhlaich, agus de ’n Duic Uellington, na h-uile ceannard air muir ’s air tir a bha air an da thaobh ann an cogadh Chuba, re bliadhna no bliadhnachan. Tha daoine fiosrach, geur-inntinneach am measg nan Cubanach, a tha, ann am briathran soilleir, duineil, ag innseadh a nis gur e iarrtais a’s modha ’s a’s eudmhoire tha aig na Cubanaich gu faigh iad saorsa; gu faigh iad comas ’us cead an luchd-riaghlaidh fein a roghnachadh; gu bi aca uachdaranachd doibh fein; agus mar so gu bi malairt ghlan, shaor aca leis gach rioghachd a tha air an t-saoghal. Is maith a’s aithne doibh, agus a tha fios aca, ma bhitheas iad air an nasgadh ris na Staidean gu bi iad cosmhuil ri stàid air bith eile: gu feum iad an cuibhrionn fein de chosd uamhasach na duthcha ’ghiulan; agus gu feum iad, co-dhiu ’bhitheas iad deonach no nach bi, geill a thabhairt do gach cis ’us cuing a tha na Staidean a’ cur air gach bathar ’us malairt a tha ’tighinn bho thirean cein gu ’n cladach fein. Tha gliocas ’us toinisg air taobh nan Cubanach, am feadh a tha iad a’ creidsinn agus ag radh gur fearr gu mor dhoibh-san malairt shaor a bhi aca leis an t-saoghal gu leir; do bhrigh, air an doigh so, gu faigh iad margadh gu mor a’s fearr airson gach siucair, ’us tombaca ’s urrainn iad a thogail anns an eilean thorach, bheartach, anns am bheil iad a’ tuineachadh. Tha e, mata, co cinnteach ris a’ bhas, nach aontaich na Cubanaich gun deasboireachd ’us iorghuill mhor gu bi iad air an nasgadh ris na Staidean, iad fein agus an t-eilean a tha iomraiteach air feadh na talmhainn airson co easgaidh ’us obann a dh’ eireas aramach oillteil ’us fuileachdach agus ard-fhuaimneach ann. Is e obair chruaidh, chraiteach a ghabh na Staidean os laimh, an latha ’thoisich iad air uachdaranachd ’fhaotainn no a ghabhail air sluagh garg nan Eileanan Philippianach. Is e cogadh cruaidh, duilich a tha duthaich air bith a’ deanamh, am feadh a tha stri nan lann fada bho ’n duthaich, agus a dh’ fheumas gach saighdear ’us innleachd cogaidh dol thairis an cuan luasganach, beucach, a chum ’s gu bi aig an fheachd cothrom iomchuidh air bith air lamh an uachdair fhaotainn air naimhdean an duthcha. Tha e daonnan gle fhurasda coire ’fhaotainn do cheannardan agus do shaighdearan. Gun teagamh air bith tha ’n Ceannard Otis agus a shaighdearan a’ deanamh an culaidh-mhaitheis anns na h-Eileanan Philippianach, am meadhon a’ Chuain Shamhaich. Cha ’n ’eil iad a’ cur an gniomh euchdan iongantach air bith; agus, a reir gach coslais, cha phlanntaich iad an da latha so suaicheantas riomhach nan Staidean air gach aird ’us anns gach baile anns na h-Eileanan Philippianach. Ma ’s e ni gasda ’s cliuiteach ain-fhiach cudthromach a charamh suas, tha ’n toileachadh so an diugh aig na Staidean; oir, on thoisich an cogadh an aghaidh na Spainne ann an Cuba, chosd na Staidean uamhas airgid, agus tha ain-fhiach trom, trom mu mhuineal na duthcha. Chaidh iomadh gille og, eutrom, gaisgeil gus a’ chogadh an uiridh,—iomadh gille eireachdail a chaill a bheatha anns an stri,—’s iomadh gille easgaidh eile ’bha air a chiurradh gu goirt ’us muladach leis gach teas, ’us galar, ’us fiabhrus, ’us ana-cothrom a b’ eiginn doibh ’fhulang ann an Cuba. Cha bhitheadh e idir iongantach ged tha miltean de dhaoine stuama, tuigseach anns na Staidean air am bheil doilgheas ro-mhor gu deachaidh na Staidean riamh a dheanamh cogaidh an aghaidh na Spainne—daoine tuigseach a tha seachd sgith de ’n chogadh ann an eileanan duaichni ’s borb a’ chuain Shamhaich—daoine’bhitheadh greadhnach agus a dheanadh gairdeachas, nan cluinneadh iad gu tainig crioch air a chogadh chruaidh anns na h-Eileanan iomallach agus mi-fhallain ud, anns am bheil iomadh laoch aluinn a’ call a bheatha. Tha rioghachdan an t-saoghail an diugh gu tur amaideach an trath ’tha dian-iarrtus aca an tuille fearainn ’fhaotainn thall no bhos, shios no shuas, ann an cearna iomallach air bith de ’n talamh. B’ fhearr doibh uile maith ’us modha ’dheanamh de ’n fhearann a bhuineas cheana doibh, no ’bhi ’fagail an fhearann so gun aire no curam ceart, am feadh a tha iad a’ sineadh a mach an lamhan airson greim a ghabhail air fearann nuadh a tha fada air falbh agus aig nach ’eil brigh no buannachd sonruichte air bith. Is iomadh Gaidheal ann an Canada ’bha ’tighinn air aghaidh gle mhaith leis a’ bhaile bheag a bha cheana aige ’cheannaich baile fearainn eile, ’chur e fein ann an ain-fhiach trom, agus a dh’ aindeoin gach saothrach ’us dichill a rinn e, ’chaill gach fearann a bha riamh aige. Is fhearr do gach rioghachd ’us duine ’bhi faicilleach, stuama, guanach, ’us gun a bhi air an tarruing air falbh le ciocras fearainn air nach ’eil feum air bith aca, ’s nach urrainn iad a phaigheadh gun dragh no iomaguin. CONA. Bha sinn, gun fhios duinn, am mearachd, nuair a thuirt sinn air an t-seachdain s’a chaidh nach robh guth aig muinntir a bhaile so air casg a chuir air creic an stuth laidir. An oidhche mu’n do sgriobhadh sin, bha comhairle ’bhaile an deigh duine chur air leith air son luchd-bristidh an lagha thoirt gu ceartas. ’Se Donnachadh Mac Eachairn, maor a bhaile, am fear a chaidh a shonrachadh air son na h-obair, agus tha e ri bhi faotainn ceud dolair s’a bhliadhna air a son. Tha MAC-TALLA ag guidhe soirbheachadh leis. Tha nise dochas againn nach dean seana bhaile Shidni a chliu a chall le bhi leigeil leis gach graisg a theid a chartadh a aiteachan eile bhi tighinn ann ’sa cur air adhart malairt chornail agus mi-laghail mar a bhatar a deanamh roimhe so. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. [TD 37] [Vol. 8. No. 5. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha na bioraich a cur call mor air ha h-iasgairean mu na cladaichean an ann so. Tha iad ag ithe moran de’n iasg as na lin, agus a bristeadh nan lion. Cha’n eil an t-side ach gle mhi-fhabharrach air son deanamh feoir; cha mhor gu bheil latha turaidh idir a’ tighinn. Tha am feur gle mhath na’m b’urrainnear a chur fo dhion. Bidh litir a Eilean a Phrionnsa o ar caraid “C. C.” anns an ath aireamh. B’ fheudar dhuinn a cumail air ais air an t-seachdain so. Tha againn mar an ceudna litir a Priceville, agus o Iain Rothach, an New Zealand. Tha 475 dotair ann an Nobha Scotia ’s an Ceap Breatuinn, aon mu choinneamh gach 1,053 sluaigh, no mu choinueamh gach 210 teaglach. Tha barrachd Dhomhnullach anns an aireamh sin ’sa th’ ann de shloinneadh ’sam bith eile; tha fichead ’sa ceithir de na dotairean aig a bheil “Mac” ’nan ainm. Fhuair Morair Minto, an t-ard-riaghladair, agus Sir Willifred Laurier cuireadh o chionn ghoirid gu bhi lathair aig leagadh clach-steigh togalach mor ann a Chicago; dhuilt iad an cuireadh agus tha Laurier ag radh gur e bu choireach ri sin, nach robh e a meas freagarrach a dhol thar na criche nuair a bha ’n da dhuthaich ann an tomhas a mach air a cheile a thaobh Alasca. Tha banca no dha ann am Montreal ann an trioblaid aig an am so. Tha aon dhiubh, “Ville Marie Bank” air a dhunadh gu ceann thri miosan, ach an deigh na h-uine sin thatar an duil gu ’m bi e air a chasan cho math ’sa bha e roimhe. Tha chuid mhor de ’n trioblaid a thainig air cach ri choireachadh air aon no dha de na paipearan Frangach a bha sgaoileadh droch naigheachdan mu’n timchioll, a chuir eagal air an t-sluagh aig an robh airgead annta. Tha eagal air muinntir Eilean a Phrionnsa nach bi am barr cruithneachd ach gle fhad air ais air an fhoghar so. Tha am feur anabarrach math, ach, mar a dh’eirich dhuinn air an eilean so fhein, cha ’n eilear a faighinn a ghearradh no thiromachadh leis cho fior fhliuch ’sa tha ’n t-side. Tha am feur ’s am barr air feadh Chanada air fad anabarrach math, agus ma gheibhear a chur fo dhion gun dolaidh sam bith a thighinn air, bidh pailteas dhe gach seorsa anns gach cearna dhe’n duthaich. Thainig bas aithghearr air Uilleam Jefferson, aig North West Arm, feasgar Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e cur a stigh feoir, agus thuit e bharr mullach loid, agus ’nuair a thaing a bhean, a bha astar beag as a dheigh, far an robh e, bha e marbh. Thatar a deanamh a mach gur h-e buille dh’n bhalbh-thinneas (apoplexy) a thug a bhas. Bha e tri fichead bliadhna dh’aois agus ’na dhuine air an robh meas mor anns a choimhearsnachd. Bhathar gle eolach air ann an Sidni, far am biodh e o chionn aireamh bhliadhnaichean a creic feola. Dh’ fhag e bantrach, triuir mhac agus triuir nighean. Tha cor us tri mile ’s sia ceud dolair air a chur cruinn cheana air son cuideachadh le teaghlaichean nan daoine bha air am marbhadh ann am meinn Chaledonia. Tha duil aca-san a ghabh a chuis os laimh gu’m bi mu choig mile dolair air a chur cruinn uile gu leir. Tha an t-Urr. A. K. Mac Gill-fhinnein, a Boston, ri bhi anns a bhaile deireadh na seachdain so, agus searmonaichidh e ann an eaglais St. Andrew’s air an t-Sabaid s’a tighinn. Buinidh Mr. Mac Gill-fhinnein do Cheap Breatuinn; fhuair e a bhreith us arach air an Amhuinn Meadhonaich. Chaidh duin’ og d’ am b’ ainm Mac Gille-mhicheil a mharbhadh ann am Boston oidhche Shathurna s’a chaidh le buille thugadh dha le cuid-eigin air an t-sraid. Bha e mu cheithir bliadhna fichead a dh’ aois, agus thatar dhe’n bharail gu’n buineadh e do Cheap Brehtunn. Cha’n eil teagamh nach ann le run a robaigeadh a chaidh a bhualadh. Chaidh toiseachadh air an t-seachdain so air laraichean nam fuirneis air son na h-obair iarruinn. Tha an obair air a toirt do McManus Low & McManus, agus tha iad a faotainn mu cheud gu leth mile dolair air a son. Tha aca ri bhi ullamh an ceann thri miosan, agus air son sin a dheanamh feumaidh iad a bhi ’g obair a dh’ oidhche ’sa latha gus am bi crioch oirre. Tha coig ceud duine dhith orra, bharrachd air eich us cairtean. Chaochail, anns a bhaile so, maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, an Caiptean Ruairidh Mac Neill, anns an treas bliadhna thar an tri fichead dhe aois. Cha robh a tinn ach beagan lathaichean. Rugadh e ann an Shunnacadie, agus bha e o oige a seoladh na mara, agus shoirbhich leis gu math. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais, thugadh ionnsuidh air a bheatha le seoladair air an t-soitheach air an robh e ’na sgiobair. Beagan an deigh sin thainig e gu Sidni, agus thoisich e ri ceannachd. Cheannaich e pios fearainn, agus rinn e dachaidh bhoidheach an ceann shuas a bhaile. Bha e gle mheasail aig na h-eolaich uile. Bha e air a thiodhlacadh ’sa mhaduinn Disatharna, anns a chladh Chaitliceach; bha aireamh mhor aig an tiodhlacadh. Iadsan a Phaigh. Iain Mac Iomhair, Baddeck Bay. M. L. Mac Fhionghain, Lakevale. Mairi Nic Neill, Iona. Mrs. C. Caimbeul, am Bras d’Or Beag. Bean Iain D. Dhomhnullaich, St. Esperit. Tormad Mac Fhearghais, St. Esperit. An t-Urr. R. MacCoinnich, Heatherton, N. S. Alasdair Mac-a-Phi, Loch Catrine, N. S. D. Mac Gille-ghlais, Stellarton, N. S. Eachunn MacFhionghain, Stellarton, N. S. Beataidh Nic Neachtain, Loch na h-Aimhne Deas, N. S. D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie. Lachuinn Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree. Iain D. Domhnullach, Salamanca, N. Y. Domhnull Domhnullach, Gowanda, N. Y. Martuinn Mac-a-phearsain, Cleona, Cala. I. S. Ros, Caspar, Cala. Bean Uilleim Mhathanaich, Graniteville, Vt. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 38] [Vol. 8. No. 5. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 35.) agus cha mho a tha fios aig d’ athair air dad m’ a dheidhinn. Ma bha i an so maille ruit, cha bu sinne a chuir ann i. Ceadaich dhomh a radh riut aon uair eile, gu’m feum gur e bruadar a chunnaic tu.” “An d’ thainig tu a thoirt masladh dhomhsa, agus a chur an aghaidh nam briathran a labhair mi riut,” ars’ am prionnsa, agus e ann am fior mullach na feirge; “agus a radh rium ann an clar an aodain, gur e bruadar a th’ anns na dh’innis mi dhut?” An uair a thuirt e so, rug e air fheusaig air an ard-chomhairleach, agus ghabh e dha leis na duirn ’s leis na breaban gus an robh e seachd sgith. Ghiulain an t-ard-chomhairleach gu foighidneach leis an droch dhiol a rinneadh air; agus cha b’ urrainn da gun a bhith ’g radh ’na inntinn fhein, “Tha mi nis cho dona dheth ’s a bha ’n seirbhiseach fhein; ach cha bhi guth agam ri radh ma gheibh mi mach a so le m’ bheatha mar a fhuair esan.” Mu dheireadh ghuidh an t-ard-chomhairleach air a’ phrionnsa, gu’n leigeadh e leis beagan fhacal a radh ris, agus dheonaich am prionnsa, o ’n a bha e air fas sgith ’g a dhochann, leigeil leis bruidhinn. “Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil ni eiginn de choltas na firinn air na bheil thu ’g radh,” ars’ an t-ard-chomhairleach, agus e ’leigeadh air gur ann da rireadh a bha e; “ach tha fhios agad gu’m feum mise a bhith umhail do gach ordugh a bheir an righ dhomh. Gidheadh, ma ’s e do thoil mo leigeadh as a so, theid mi far am bheil an righ, agus innsidh mi dha rud sam bith a dh’ aithneas tu dhomh.” “Bi falbh, ma ta,” ars’ am prionnsa, “agus innis dha gu’n dubhairt mise riut, ma bhios e fhein toileach ’aonta ’thoirt seachad, gu’m pos mise a’ bhean-uasal a chuir e do m’ ionnsuidh an so an raoir. Greas air falbh, agus na bi fada gu’n tighinn air ais le fios-freagairt.” Rinn an t-ard-chomhairleach umhlachd dha, agus dh’fhalbh e. Cha robh ’inntinn aig fois gus an do dhuin e an dorus ’na dheigh, an uair a fhuair e am mach as a’ chaisteal. Ghabh e direach far an robh an righ. Dh ’aithnich an righ air a choltas nach robh aige dha ach droch naigheachd, agus thuirt e, “Ciod e an suidheachadh anns an d’ fhuair thu mo mhac?” “Le ’r cead, a righ,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “tha an naigheachd a thug an seirbhiseach do ’r n-ionnsuidh fior gu leor.” An sin dh’ innis e do ’n righ a h-uile facal a bha eadar e fhein agus Alsaman; mar a ghabh e corruich mhor a chionn gu’n dubhairt e ris, gu’n robh e neo-chomasach gu’m faigheadh neach sam bith a steach air dorus a’ chaisteil; an droch dhiol a rinn e air; agus an doigh a ghabh e gu faotainn as a lamhan. An uair a chual’ an righ mar a bha cuisean, air dha gradh mor a bhith aige dha mhac, chuir e roimhe gu’n rachadh e do ’n chaisteal far an robh a mhac, feuch am faigheadh e am mach bun a’ ghnothaich, agus gu’n rachadh an t-ard-chomhairleach comhladh ris. (Ri leantuinn.) BRUTUS. “Is e Farmad a ni Treabhadh.” EARANN IV. Air dhomh tionndadh ri m’ fhear-iùil, chuir mi mo smuaintean an ceill da: thubairt e rium gu’n robh iad ann an tomhas fior; “ach,” ars’ esan, “b’ eigin do chorr agus mile bliadhna de iomadh mearachd is pian a’ dhol thairis mus d’rainig muinntir air an duais a bhuineas do’n chogadh criosdail, eadhon an neart naomh sin tha sruthadh a mach bho ghradh. Ann an tus nan laithean, mar thuirt an duine glic, bha muinntir a’ toirt cunntais “mu’n ni sin nach b’urrainn a bhi ach mar a bha;” oir ’s e bh’ann am Pindar spiorad uasal air a shuaineadh ann am mulad a’ chionn ’s gu’n robh an Dan cruaidh. Ach re uine bha e’n comas Shophocleis, am bard greadhnach agus diadhuidh sin, a bhi ’g innseadh do dhaoine nach robh ni sam bith chion dochais—agus uime sin dh’ fhuiling Socrates am bas le foighidinn, agus bithidh ainm-san buan gu suthainn, do bhrigh ’s gu’n do ghradhaich e ’cho-chreutairean. Gidheadh b’eigin do neach bu mhugha na Socrates am bàs fhaotainn a chum ’s gu’n tugadh e am pobull maille ris. Sin an smuain, mo charaid, tha an comhnuidh ag éirigh ’nam inntinn gach uair a sheallas mi air a’ chrois f’am chomhair a ta a’ samhlachadh na buaidh a th’ aig a’ Chriosdachd thairis air dhoigh-smuaineachaidh na Greige. Cha ’n ’eil ni sam bith ’g am phianadh coltach ris an smuain gu’n deachaidh Socrates a’ chur gu bàs gu h-eucorach agus an aghaidh an lagha a b’ àirde agus gu bheil an cinne’-daoine air fad a’ tighinn beò air cosd na h-anaman a’s urramaiche. Ach mo thruaighe cha’n e an cinne’-daoine tha ’labhairt na firinne mar is trice ach urra air choir-eigin fa leth. Thug a linn féin an iteodha do Shocrates; loisg a linn féin Huss; cheus a linn fein Criosd. Bha Socrates an comhnuidh an teagamh; bha e ag aiseid na h-inntine air toir na firinne, agus b’e an fhirinn an aon ni a dh’aidich e nach d’ fhuair e a mach. Air an laimh eile, thubhairt Criosd gu’m b’e fhéin an fhirinn, agus bha ’obair soilleir dha bho thoiseach. Is e naduir gach uile bheo bhi an teagamh uair seach uair. Saoilidh mi, gu bheil a’ bhuaidh sin dual do’n duine. Cha robh i dual do Chriosd. (Air a leantuinn air taobh 39) SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C B MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. J. S. BROOKMAN, M. D., LIGHICHE. OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot. SIDNI, C. B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B [TD 39] [Vol. 8. No. 5. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 38.) Air an aobhar sin is faireach leam, gach uair a sheallas mi air a chrois sin, gu’m feum sinn fulang maille ri Criosd, co dhiubh tha creidimh againn no nach ’eil agus gu’n teid ar dioladh airson pheacaidhean mhuinntir eile cho math ri ar peacaidhean féin. Ann san fhulang sin, ma tha sinn dileas do theagasg na croise, tha sinn a’ faotuinn neirt a bheir buaidh air ar laigse; tha sinn a mealtuinn sithe a lionas ar laithean le obair fheumail ’s ar n-oidhch’ean le codal sèimh, ged tha an aimsir a ta ri teachd neo-chinnteach do na h-uile bheò.” “Seadh, tha sin fior,” arsa mise; ach cha do fhreagair e-san smid. Bha e marbh. Ghlac uamhainn mòr mi. Bha rionnag no dha a’ priobadh os cionn na croise. Bha Dia fos n-ar cionn ’n-ar dithis. Bha e nis mu mheadhon oidhche ’nuair dh’ fhalbh mi steach do sheomair a chaidh le mòr-choibhnealas a dheanamh deas a’m’ chionn, agus far an robh a’ gealach shamhraidh a’ dealarachadh gu cairdeil air mo leabaidh. Le fuaim na gaoithe a’ coineadh troimh na craobhaidh, agus le na faileasan a bha an teine leusach a’ tilgeadh air na ballachaibh cha bu chodal dhomhsa an oidhche sin ach trom-iomaguin spioraid. Air dhomh bhi ag imeachd sios is suas air feadh mo sheomair, shaoil mi gu’n robh mi ’cluinntinn tormain an t-saoghail iomaguineich ann san do ghluais Brutus còir, agus bha mi ’gluasad air ais ’s air aghairt gun shuaimhneas anns an t-sàmhchair. Ar leam gu’m b’e so an coigeamh oidhche deug de’n Mhàrt. Ah! smuain thruaighe! ’Mhic na mi-shealbhachd! cia sàruichte a tà thu, cia caithte ’s cia muladach do ghnùis-sa ann an sàmhchaireachd an t-soluis fhaoin. A bhruadaraiche ionamholta a bha do chridhe gu tric troimhe-chéile le barailean tha nis gun bhrigh, tha mi a’ mothachadh, ’s mi air na neòil luaineach, gu’n do thachair thu ri laithibh trom air a bheil mise mi féin toillteanach ged is ann ort-sa, a laoigh, a thuit iad. Dh’ fhaodadh do chridhe-sa bhi ’na b’ aotruime mur biodh tu ’sìor-mhonmhur an aghaidh do chrannchur, agus a’ creidsinn gach smuain thiamhaidh a chaidh a shniomh le ruic is le ruaireis do bhrathar. Tha na deamhnan as an t-s’ochd nam baoth-ruithil a’ cuairteachadh air gach taobh dhiot, O thusa a tha deanamh fochaid air ceol nan àimsir, agus e a’ lachannaich ri gniomharaibh dhaoine. Tha na neòil féin fo bhruaidlein; teudan nan àm-chlàrsach air bristeadh, agus thusa, ’bhroinein Bhrutuis, a’ sealltuin ’s do ghnùis chion fàite, air bilibh mhortairean agus ag òl osnaidhean Phortia; c’uime, ’bhròinein, a ta thu fathast an dochas ’s tu ag agallamh ri t’ anam féin air an reidhlean uaine sin ’s tu air do ghlasadh le ballachaibh arda? Tha thusa, ’ghràidhein an tòir air neo-féinealachd, ni is e eòlas air toil Dhe, tha thusa agus daoine coltach riutsa a’ beachdachadh air an ni bu choir a bhith, agus fad’ na h-uine cha’n ’eil umad ach neoni, ’s ged tha thu ’nad thosd ’s ’nad chuimhne tha d’ fhocail-’sa cho muchta ri cronanaich aibhne moir’ na Roimhe. Faic! Seall, tha liath-cheò na maidne a’ toiseachadh air dath nan neul, agus tha Portia ag éisdeachd air a corra-biod aig leachd an doruis, a h-aoduinn air sreamadh le cradh, a cridhe ag acainnich fo éirigh is laighe a cléibh cleas stuaigh-mhara a tha a neart air a chaitheamh air cladach. Tha thu a’ dearcadh chum nan neamhan, ach cha’n ’eil an Crann ’s an ear-thuath no an t-Shlat-thomhais ’s an iar-dheas; ach tha na coin a donnalaich; na dilleachdain a sgreadail le éigh’ibh thiamhaidh ghoirte, agus eoin na maidne a gaireachdaich le misg. Cluinnim guth. ‘Co tha sin na laighe fo na craobhaibh dorcha ’s e ’sior-ghul gu goirt? ’S e Cassius a th’ ann, ’s e na laighe ag ol cungaidhean puinnseanta do-àireamh. Bha e air a shior-chlaoidh ach cha rachadh an deo as, oir bha e na shuidhe fo sgàil an iomair-chrann. Mu’n cuairt dha bha triùir thaibhsean—Fuath, Mi-rùn agus Farmad—’s ar leam gu’n do bhuail iad cach a chéile agus dh’ fhag iad e ’na laighe ’na shuain. Dhubh na Duilean; thraogh an Cuan; shiab a’ Gealach as gu boinnibh dubha. Chaidh an Diabhul a mach air feadh nan sraid. Seall! Seall! tha’n Dealanach ag cluiche gu mear am measg ceo réidh na maidne; ach tha muinntir a’ bhaile-mhoir ’nan suain-chodail. O! ach gu’n aithneadh tu dhomhsa gun tuillidh ’sgriobhadh Slan leat, a charaid dileas. Thoir m’ iomchorc chum cairdean m’oige! Cuiridh mi fios a rithist bho h-Ierusalem. (A’ chrioch.) Chaochail an t-Urr Padruig M. Moirstan, Halifacs, ann an Chatham, N. B., la na Sabaid, Iulaidh a 30. Bha e 59 bliadhna dh’ aois. Bha e o chionn iomadh bliadhna na fhear-gnothuich aig an eaglais chleireach an roinnean an ear Chanada. Sgriobh t-ainm fein le cairdeas gradh agus trocair air cridheachaibh na muinntir sin a thachaireas ort bliadhn’ an deigh bliadhna ’n ad thurasaibh ann am fasach an t-saoghail, agus cha diochuimhnichear thu gu brath. Tha deagh nadar aig moran an uair a bhios gach ni ag eiridh leo; ach cuiridh iad cul ri sin an uair a thig aire agus eiginn, agus a shiubhlas iad troimh amhuinn theintich an amhghair. Cha ’n eil coir aig duine sam bith a dheanamh far a thoilicheas e, ach an uair a thoilicheas e an ni sin a ta ceart a dheanamh. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am Feillire. OGUST, 1899. 1 Di-mairt An Lunasdail. 2 Di-ciaduin 3 Dior-daoin Crunadh Righ Seumas III, 1640. 4 Di-haoine 5 Di-satharna Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 DI-DONAICH XI. Donaich na Caingis. 7 Di-luain 8 Di-mairt Bas Dheorsa Channing, 1827 9 Di-ciaduin Breith Iain Dryden, 1631. 10 Dior-daoin An fheill Labhrainn. 11 Di-haoine La Dailrigh, 1306. 12 Di-satharna 13 DI-DONAICH XII. Donaich na Caingis. 14 Di-luain Mort Righ Donnachadh 1040 15 Di-mairt 16 Di-ciaduin La Chillsaoidh, 1645. 17 Dior-daoin Breith an Ridir Iain Hope, 1766. 18 Di-haoine La Phreston, 1649. 19 Di-satharna 20 DI-DONAICH XIII. Donaich na Caingis. 21 Di-luain La Dhun-chaillinn, 1689. 22 Di-mairt Blar na Bratoiche, 1138. 23 Di-ciaduin Mort Uallais leis na Sasunnaich, 1305. 24 Dior-daoin 25 Di-haoine Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-satharna Bas Phadruig Ghibson, 1829 27 DI-DONAICH XIV. Donaich na Caingis. 28 Di-luain 29 Di-mairt La Loch-aillse, 1722. 30 Di-ciaduin Bas Chardinal York, 1807. 31 Dior-daoin MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 6, U. 7, M. 34 M. A Cheud Chairteal L. 14, U. 7, M. 40 M. An Solus Lan L. 21, U. 0, M. 31 M. An Cairteal mu Dheireadh L. 27, U. 7, M. 43 F. Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 40] [Vol. 8. No. 5. p. 8] A’ Chaileag og ’s a Leannan. A ghille b’e mo roghainn thu, ’S cinnteach mi gur laghach thu, ’S inntinneach a thaghainn thu, Na ’n draghainn-se o ’n stop thu. Cha duraig mi mo lamh thoirt duit, Bi’dh diumbadh aig mo chairdean rium, Cha chum thu mi ach tamailteach, ’S tu paigheadh mal an osdair. Air cho moch ’s ga ’n eirich thu, Cha choisinn thu na dh’fheumas tu, Ma bhios do dheoch na h-eiginn duinn, Cha chum a’ Chleir air doigh sinn. Nach bochd e bhi ri radh, gur I do dheoch a liath do mhathair, Leis cho iomadh oidhch’ gun tamh, A dh’fhag thu ise ’dh’araich og thu. Cha’n fhaict’ aig feill ri d’ ghuallainn mi, ’S mi tric gun bhreid gun ghuailleachan, Bhiodh crith air bheil le fuachd orm, ’S mo ghual aig bean an osdair. Bhiodh eucailean ’s a chom agam, Bhiodh aodach leapa gann agam, Am biadh bhiodh tric air chall orm, ’S mi fhein ’s mo chlann gun bhrogan. ’S iomadh uair a gheall thu dhomh, Gu’n seachnadh tu na chompanaich, Bu tric a thug gu anntlachd thu, ’S a dh’fhag cho gann do storas. Ge mor a rinn thu chaoimhneas rium, Cha duraig mi bhi snaimte riut, Mur d’thoir thu gealladh cinnteach dhomh Deoch-phoit a chaoidh nach ol thu. ’Se aobhar broin is cianalais, Do oigfhear tha cho gniomhach riut, E dhol le ol is diabholtachd, Gu siorruidheachd gun dochas. Turus Neill do Mhiughlaidh. Ghabh Niall an deoch gu doirbh agus dh’ fhalbh e, air feadh na h-oidhche le bata nach buinneadh dha fhein. Dh’eirich an fhairge ’s sheid a ghaoth ’s cha b’urrainn e an t-eathar a laimhseachadh. Chaidh an t-eathar a bhristeadh, agus Niall a thilgeadh air sgeir, air nach d’ fhuareas cunntais gu’n do sheas duine riabh. Chaidh a thoirt as a sgeir an ath latha le bat’ iasgaich. Air tigh’n thar Galltachd do Niall san am sin Bhios daoine trang ’s iad a buain an eorna, Sa bhean sa chlann aig air thuar bhi caillte Gun bhiadh, gun annlann, gun deoch, gun mhoine. Och, och, mar tha mi ’s mi nam onar, Dol tromh na caoil far a robh mi eolach ’S moch a dh’fhalbh mi, gun bhiadh, gun urnuigh, ’Se thug mo thur asam sugh an eorna. A null ma Shanndraidh ’sa ghaoth cho gann domh, Ghrad leum an crann mach a broinn na gaoladh, ’S mar b’e Sgeir Lithnis bha mise millte, ’S ged fhuair mi innte bha m’-inntinn bronach. An uair a dhir mi os cionn na stuadhach, Sann theap mo chluasan bhi air am bodhradh; Na sgairbh ’g eigheach gur ann a dh’ eug mi ’S nach b’ fhad’ gu feumainn bhi air mo rosladh. Nam faighinn innse dha’n t-sagart ghaolach, Gur e an daorach thug orm seoladh, Bhiodh m’ inntinn aotrom ’us m’ anam saor, ’Us, a chaoidh cha taobhainn na taighean osda. Bha Eoghan Stiubhard fodh mhoran curam ’S e-fhein an duil gur e bh’annam bocan, Bha mise tursach ’s mi air mo ghluinean, A gabhail m-urnuigh, ’sann domh bu choir sin. Bha Iain ruadh ’se fodh urad gruamainn, Gu’n sheas a ghruag air a cheann mar chonusg; ’Us Mac-an-t-Saoir ’s e gun stad a glaodhaich, “An duine saoghalt’ thu, na ne ron thu.” Bha Iain Caimbeul na dhuine dana, Cha robh e sgathail, bu bheag a choir air Sann thuirt e, “Stiuraibh i null ’ga ionnsuidh, Se h-ann ball-buirt a rinn Mac-an-Toisich.” Bha Domhull Eoghain na dhuine turail, ’Se math gu stiureadh ged bha e leointa; Bha e durdail ’sa loin ga chiurradh, Ach dearbh co-dhiu, ’s math a rinn e an t-oran. An uair a thug iad mi null do Shanndraidh Bha mise fann ’s gu’m bu ghann bu bheo mi; Na daoine ciatach a thug am biadh dhomh ’Nar fhaiceadh Dia iad am pian nan doruinn. Tha na Caimbeulaich orm an diumbadh, ’S cha’n eil sud leamsa na ghnothach neonach, Bha moran fheuchan ac’ innt’ le cheile, ’S ma ’m paigh mi an eiric gu de ni m’eorna? Thuirt Mac Iain Mhicheil rium gu siobhalt’ (Bha feum cho dileas ’sa bha e dhomhsa) “Gheibh sinn bata ni feum na h-aite, Sa chaoidh cha phaigh thu bonn fardinn domhsa.” ’Nuair thig an Samhradh theid mi gu Galltachd, ’U bheir mi challtachd a ceann a ropa; Ge b’ann sa Ghearmailt gheibh mi airgead Ma leig mi am meanbh-chrodh air falbh le Domhull. N. M. P. Oran an Iasgair. An cluinn thu mi mo chailin donn Eisd us thoir an aire dhomh Tha moran dheth na bharail sin Gur og an leannan domhs thu. ’S gil’ thu na na faoileagan ’S binn thu na na clarsaichean Mar lilidh ann ’sa gharadh thu ’S gur ailleagan gill’ og thu. ’S an uair char sinn a dh’iasgach Cho fad ’s an t-eilean Sgitheanach ’S truagh nach robh na lin againn Gu’n sgriobadh sinn na h-oban. Tighinn a stigh a Scaniport Gu’n d’ fhalbh na siuil a b’airde dhinn ’S cha robh air bord ach taillearan Gu’n tairneadh ead na ropan. C’ar son a bhiodh sinn cianail Us sgadan anns na linn againn, An sgiob ’s am bat gu sabhailte Siud! chailinn, lion an stop dhuinn. Cha phoitear mi ’s cha dhrungar mi Ach ga’aidh mi dram an companas Cha toil leam fhin na spongairean Nach toireadh bonn a’m pocaid. Cha bu choir do Ghaidheal sam bith aig am bheil meas air a chanain a bhi as aonais MHIC-TALLA. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. GHEIBH THU AN TI A’s fhearr ’sa Mhargadh. NA BROGAN A’s Fhaide Mhaireas. AIG TORMAD DOMHNULLACH, SIDNI, C. B. Brogan matha air 75c. agus 90c Deiseachan o $3.50 gu $9.50 Triubhsairean air 90c TORMAD DOMHNULLACH. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 7.15 a. m. 9.15 a. m. 11.30 a. m. 2.10 p. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 8.15 a. m. 10.15 a. m. 12.15 a. m. 3.00 p. m. 5.30 p. m. Freagraidh na tursan so gu math air muinntir a bhios a falbh no tighinn air Rathaid-iaruinn Shidni us Louisbourg. A TAGHAL AIG VICTORIA PIER. A FAGAIL SHIDNI. 9.15 a. m. 4.30 p. m. SHIDNI TUATH. 12.15 p. m. 5.30 p. m. Gheibhear na bataichcan fhastadh air son excursions le feorach anns an oifis. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn’ deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 41] [Vol. 8. No. 6. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 18, 1899. No. 6. LITIR A EILEAN A PHRIONNSA. FHIR MO CHRIDHE,—Tha mi air tilleadh dhachaidh o ’n turus thaitneach a thug mi do Cheap Breatuinn am bliadhna. Bha gach turus a thug mise riabh do’n eilean aluinn ud taitneach leam. Cha’n eil sin iongadach; ’s og a ghabh mi tlachd dheth. Cha robh cron air an turus so ach a ghiorrad. Cha’n eil uair a thig mi fradharc nan ard bheann uaine aige nach saoil mi gu bheil e ’g ath-nuadhachadh m’ oige. Na freagradh e dhomh cha bhiodh bliadhna fhad ’s bu bheo mi nach cuirinn greis de ’n uine seachad ann. Chunnaic mi iomadh atharrachadh taitneach ann an cuid de na h-aitean anns an do thaghail mi. Tha Ceap Breatuinn a fas air doigh no dha. Cha ’n iongatach sin; tha e na shuidhe, cha mhor, o thaobh gu taobh air leabaidh guail. Tha beanntaibh da chlaich iaruinn ann, tha or ann, tha copar agus clachan luachmhor eile ann. Tha earannan mora dheth maith mar fhearan aitich agus tha iasgach de gach seorsa ris na cladaichean aige. Tha daoine gasda gabhail comhnuidh ann. Tha iad siochail, siobhalta na measg fhein, agus fialaidh, caoimhneil ri coigreach. Cha’n ann a brosgal a tha mi, cha’n ann air son luchd-aitiche an Eilean sin a tha mi sgriobadh so, ach air son do luchd-leughaidh anns gach cearna de ’n t-saoghal a dh’ ionnsuidh am bheil MAC-TALLA dol, agus co a cheairn anns nach eil Gaidheil air choireiginn a leughadh do phaipeir gasda Gaidhlig. Tha Sidni, am baile agaibh fhein, suas a bhruthach. Tha ’n obair iaruinn a dol air aghaidh cinnteach gu leor. Tha e air a mheas gu’n cuir sin an uine nach bi fada, coig mile deug ri aireamh sluaigh a bhaile. Bidh sin na bhuannachd nach beag do ’n duthaich air fad. Bidh margadh math ann do gach ni is urrainn an tuathanach a sheachnadh: feoil, flur, buntata, baine, im, caise agus iomadh ni eile. Ged tha sinne an Eilean a Phrionnsa astar beag uaibh, feudaidh a bhith gu ’m bi an soirbheachadh mor a tha gu bhi agaibhsa na chuideachadh beag dhuinne. Bheir sin dhuibh taghadh us roghadh buntata us rudan eile, ma bheir sibh dhuinn pris choltach orra, ’s mar toir cha deid cnap dhiu nur beul? ach cha chan mi ’n corr mu sud. Thachair do Chleir Shidni a bhi cruinn an la bha mi anns a’ bhaile, ’s caite an cuirinn seachad an latha ach a measg nam braithrean, no shean-luchd-eolais. Bha e na ni gle thaitneach dhomhsa coinneachadh riutha. Tha mar an ceudna aireamh de mhinistearan oga gealltanach air an suidheachadh an Ceap Breatuinn, cuid diu air na chuir mi eolas air son a cheud uair aig an am so. Tha daoine og ag eiridh suas a lionadh aite nam braithrean a chriochnaich an obair agus a tha nis a mealtuinn an duais. Is maith gu bheil sin mar sin. Bha mi an Canada Ard (Ontario) aig Ard Sheanadh na h-Eaglais Chleirich air an t-samhradh so. Choinnich mi an sin ri aireamh nach bu bheag de Ghaidheil. Chaidh mi mach air an duthaich beagan uine far a faca mi tir mhaiseach agus tuathanaich a tha maith air an doigh. Cha mhor gu’n no thachair mi ri duine ann ach muinntir Earraghael, daoine gasda air nach robh e duilich eolas a chur. Thachair mi ri fear na dha ann a tha leughadh a MHAC-TALLA. Tha MAC-TALLA nis aig toiseach an ochdaimh bliadhna. ’S mor an t-aghartas a thainig air ann a seachd bliadhna. Tha am paipeir ’s an clo-bhualadh a nise cho maith ’sa dh’ iarradh mac mathar. Bu choir do na Gaidheil moit a bhi orra air son cho maiseach mor ’s a tha am paipeir naigheachd aca fas. Deanadh gach duine a dhleasanas da thaobh agus brosnaicheadh e muinntir eile air son a ni ceudna dheanamh. Is mise ’Ur caraid, C. C. LITIR A DETROIT. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha mi a’ cur d’ur n-ionnsuidh ’san litir so seorsa de dh’eadar-theangachadh a rinn mi fhein air na marbh-rainn thaitneach Bheurla Burial of Sir John Moore. ’S i mo bharail nach eil dad de’n t-seorsa ’sa Bheurla a’s taitneich na na rannan so, ged a’s iomadh rud briagha a tha innte. ’Se bha nam inntinn an toiseach iarraidh oirbh eadar-theangachadh dheth a chur ’sa MHAC-TALLA; agus thoisich mi ri feuchainn an gabhadh cur ann an Gaidhlig air, agus chi sibh mar a chaidh leam. Is mi a bhiodh toilichte na’n cuireadh “Gleann a’ Bhaird” ann an Gailig ghasd e, mar a’s maith thig dha! Tha mi fuasach buidheach air airson na sgriobh e mu dheighinn bardachd agus mu eadar-theangachadh, gu Iain Beag. B’ fheairde feadhainn a thuilleadh air Iain Beag na sgriobh e; agus bhithinn fhein fada na chomain na sgriobhadh e tuilleadh mu’n chuis cheudna. ’S e fior bhard a tha ann dheth, agus is grinn blasda sgriobhas e Gailig. Cha ’n urrain a leithidsa tuilleadh sa choir a chur ’sa MHAC-TALLA. Ach nach iongantach a ni so, nach ’eil boirionnach idir a sgriobhadh dad sam bith ’sa phaipeir a tha iad gun teagamh a leughadh. Tha mi cinnteach gur h-iomadh te a b’ urrainn litir laghach a sgriobhadh gu MAC-TALLA. Tha na boirionnaich Ghallda cho deas air sgriobhadh ris na fir, is tha iad nan dotairean, na ministearan ’s na luchd lagha. ’S e cho moghal ’sa tha na bana Ghaidheil a tha toirt orra gun a bhi a sgriobhadh. Bha na mnathan Gaidhealach riamh a toirt moran speis agus urram do na daoine; ’s ann uaithe sin a thainig a’ sean-fhacal a tha ag radh gur fiach duine fodair bean oir. Neach sam bith a leughas, “Ceannsachadh na mnatha crosta,” a sgriobh Shakespeare, gheibh e ann am briathran na mnatha crosta fhein, an deigh dh’i bhi air a ceannsachadh, barail nam mnathan Gaidhealach mu dheighinn na fir agus mar bu choir gabhal riutha ’nuair a thig iad dachaidh bho chogadh, na bho chosnadh, na bho chunairtean us ghabhaidhean nan tonnan beucach. Cha’n ’eil mi dol a mholadh nam bana-Ghaidheil an drasda, cha ’n eil feum aca air. “Co a dh’ oras an t-or fior-ghlan, no a chuireas dath ur air a lilidh no faileadh na’s cubhraidh air an fhail-chuaich?” Dh’ fhoighnich Iancach, no Geancach dhiom bho chionn ghoirid “Ciod e a rud fo leth air son am ’eil Albainn ainmeil?” agus fhreagair mi gu robh i ainmeil, cluiteach, chionn gur h-ann innte tha Albannaich air an arach. Nach dubhairt mi an fhirinn? Slan leibh an drasda. Bho ’ur caraid, DONULL MAC LEOID. LITIR A ONTARIO. FHIR-DEASACHAIDH,—’S fhada nach do sgriobh mi ni sam bith ann an Gailig, agus tha eagal orm nach bi an litir so ach gle mhi-ordail air an àm so. Cha ’n ’eil fhios agam gu ro mhaith c’ait an toisich mi, agus faodaidh e bhith gu ’m bi mi a cur na cairte romh ’n each, an ait’ a bhi cur an eich romh ’n chairt. Ach ’s coma co dhiubh ma theid aig an each air an eallach a ghiulan, co aca bhios i roimhe no as a dheigh no air a dhruim. Ma sgriobhas mise air doigh air choireigin sios na tha agam ri radh, biodh an luchd-leughaidh ga chur an ordugh mar a’s fhearr is urrainn iad. Tha roinn mhor do ’n t-samhradh air a dhol seachad. Bha an t-side gu math fliuch againn an so re Iun, agus o’n a thainig Iulaidh a steach. Tha sinn an so a teannadh ri bhi buain an fheoir, agus cha ’n ’eil an aimsir fuasach freagarrach air a shon. Cha ’n ’eil am feur cho math ’sa bha e an uiridh; bhasaich moran de ’n chlover leis na reothaidhean ’san earrach. Tha am barr eile gle mhath, ach an crithneachd fogharaidh; cha ’n ’eil ann ach leth barra. Tha flur gle shaor: cha ’n ’eil e ach $3.20 am barailte, am flur a’s fhearr. Bha moran tinneis againn an so ré an t-samhraidh; agus bhasaich moran de na seann daoine coire a thainig do ’n aite so an uair a bha e ’na choille fhiadhaich. Ach tha iad a nise air falbh agus cha’n eil orra ach gu robh iad ann. Tha moran a deanamh beartais ’s ga fhagail aig muinntir eile ’nuair bha iad fhein ’gan aicheadh fein air iomadh ni bhiodh maith dhaibh chum feum a dheanamh dhaibh. Agus an uair a theid sinn do’n chladh, cha’n aithnichear an uaigh aca ni’s mo na uaigh an duine bhochd a bha aig a bhalla ri umhlachd; cha’n eil chlach no monument aig an ceann chum a bhi ’g innse co iad. Phos barrachd air an t-samhraidh ’sa phos fo chionn fhada anns an aite so. Co dhiu, tha sin na chomharradh maith air an aite. Ach tha moran de bhaitsealaran ann fhathast nach eil a faicinn an cron a tha iad a deanamh dhoibh fein le bhi a caitheamh am beatha mar nach biodh boirionnach an astar coig ceud mile dhoibh; iad a deanamh an cuid arain fein an uair a bu choir dhoibh a bhi nan cadal, ’sa deanamh an dinnear an uair bu choir dhoibh a bhi leigeil an analach. Agus ’se am baitsealar am fear as docha a radh, “Och nach duine truagh mi! co an te ghabhas truas dhiom, is mi gam sharachadh.” Ach cha truagh leam cu is mairg ’ma amhaich. Cha truagh leam iad is gu leor mhnathan ’san duthaich a feumach air aite doibh fein. Tha na sgoiltean nan tamh an so [TD 42] [Vol. 8. No. 6. p. 2] air an am so, agus ’s mor an uine tha aig na maighstirean sgoil dhoibh fein; tha faisg air da mhios aca air an am agus tha am paidheadh a dol air aghaidh cho math ’s ged a bhiodh iad a’ teagasg. Feumaidh mi sgur aig an am so, oir tha mo litir fada gu leor. Slan leibh. IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, July 21, ’99. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXIV. NITHEAN A CHUNNAIC SINN. Cha do thachair sealg sam bith ris na fir a dh’fhalbh gu math moch ’s a’ mhadainn feuch ciod a thachradh riutha. Ach cha robh eis sam bith oirnn, o’n a bha measan pailt gu leor ri fhaotainn air cuid dhe na craobhan a bha fàs air bruaich na h-aimhne. Ach ged nach d’ rinn iad sealg, rinn iad feum math eile; oir, bhar mullach cnoic aird, fhuair iad sealladh math air an duthaich. Chunnaic iad treud mhor dhe’n chrodh fhiadhaich faisge air bruaich na h-aimhne astar math an taobh shuas dhiubh. Chuir sinn romhainn gu ’n gabhamaid suas ri taobh na h-aimhne feuch am faigheamaid ann an àite urchrach do’n chrodh fhiadhaich. Bha na bh’ againn de bhiadh air a dhol an deireadh a ruith buileach glan; agus ged a bha measan gle mhath nan àite fhein, cha deanadh iad feum an àite feola do dhaoine a bha air an sarachadh le moran uidil is annraidh, agus a bhh cleachdte ri feoil ’s ri iomadh biadh sòghail eile. Ghabh sinn air ar n-aghart cho cabhagach ’s a b’urrainn duinn; ach cha robh e furasda cabhag a dheanamh. Air bruaich na h-aimhne, bha na craobhan dlùth air a chéile, agus bha am feur a bha ’fàs eatorra cho tiugh ’s cho ard ’s gur gann a gheibheamaid coiseachd troimhe. Cha’n fhaodamaid a dhol troimh chomhnard air eagal gu’m faiceadh an crodh fiadhaich sinn. An uair a bha sinn mu thri cheud slat o’n fheadhainn a b’fhaisge dhuinn dhe’n chrodh, chunnaic sinn sealladh nach teid as m’ aire ri mo bheò. Leum nathair anns an robh dusan no còig troidhean deug a dh’ fhad, am mach o chraoibh, agus ann am priobadh na sul chuir i tri charan dhi fhein mu aon de’n chrodh. Leig am beathach bochd aon ròmhan cianial as an uair a theannaich i i-fhein mu’n chom aige. Chuala sinn gu soilleir am fuaim a bh’aig na cnamhan aige, an uair a bha i ’ga shior theannachadh. A réir mo bharail nach robh i còig mionaidean a’ pronnadh a h-uile cnàimh a bha ’n com a bheathaich bhochd. An uair a bha i cinnteach gu’n robh a h-uile cnaimh a bh’ ann pronn gu leor, thòisich i air a shluigeadh gun bhuille chagnaidh. Bha sinn an dùil nach rachadh aice air a shluigeadh slàn gu bràth leis an ùine thug i air. Ach ged a bha i ùine mhath ’ga shluigeadh chaidh aice air mu dheireadh. Bha sinn iomadh uair an dùil gu’n robh i air a tachdadh; ach cha robh. Bheireadh i greis mhath an drasta ’s a rithist air a shluigeadh, agus an sin stadadh i. Tha na cidhlean, cnamhan na h-ugann, agus an amhach aice air an deanamh leis a’ Chruithfhear air a leithid de dhoigh ’s gu’n teid aice air beathach sam bith a shluigeadh. Ar leinn gu’n do shluig i na h-adhaircean cho math ris a chorr; ach chunnaic sinn ’na dheigh sid nach do shluig. Phronn i ceann a’ bheathaich cho math ’s a phronn i an corr; agus o’n a b’ ann an comhair a chas a shluig i e, dh’ fhàg i uaipe na h-adhaircean. Cha bu luaithe a shluig i e na shìn i i-fhein far an robh i. Is docha nach cairicheadh i as a bhad an robh i fad choig latha deug, no fichead latha, mur cuirteadh dragh sam bith oirre. An uair a bhios na nathraichean ud ’nan suain chadail an deigh dhaibh an sath itheadh, cha dùisg iad, na’s lugha na chuirear dragh orra, gus an dùisg an t-acras iad. Agus an uair sin, bidh iad cho ginich ’s a bha iad riamh. Ged nach robh fhios agamsa gur ann mar so bha, bha fhios aig Tomas gle mhath air. Agus thuirt e ruin gu’m bu cho math dhuinn stad far an robh sinn gus am biodh an nathair ’na suain chadail. Dh’ innis e dhuinn gu’m faodamaid a dhol cho dluth dhi ’sa thogramaid; ach gu’m feumamaid an aire mhath a thabhairt nach dùisgeamaid i. Cha robh sinn toileach a dhol far an robh i idir; oir bha sinn an duil gu ’n lotadh i sinn, agus gu’n grad fhaigheamaid bàs leis a’ phuinnsean. Ach an uair a dh’ innis e dhuinn nach robh puinnsean idir innte, cha robh eagal sam bith oirnn a dhol far an robh i. An uair a ràinig sinn far an robh i, bha i ’na cuaich gu briagha; ach a dh’ aindeoin cho fàilidh ’s gu’n robh sinn dh’ fhairich i sinn, agus thog i a ceann os cionn an fheòir agus dh’ amharc i oirnn. Nan robh an t-acras oirre bha i air greim a dheanamh air fear dhinn ann an tiotadh. Thog Tomas an gunna, agus chuir e an urchair anns a cheann aice. An uair a chuir i beagan charan dhith, thuit i marbh far an robh i. Is ann oirre a bha an aon bhian cho briagha ’s a chunnaic mi riamh. Bha i comhdaichte le lannan beaga dhe gach dath. Bha ’m bian aice gle luachmhor, oir ann an iomadh aite dhe ’n rioghachd ud tha béin nan nathraichean ud air an deasachadh gu uachdair is deiridh bhròg a dheanamh dhiubh. Chaidh na seirbhisich ’na dàil, agus dh’ fheann iad i. Air eagal gu’n tachradh te eile dhe na nathraichean ruinn air an fheasgar ud, cha deachaidh sinn astar mor sam bith air ar n-aghart. Cha robh sinn feasgar o’n a dh’ fhalbh sinn o’n taigh cho beag sunnd agus cridhealais ’s a bha sinn am feasgar ud. Ged nach robh cùisean a’ dol gu buileach’nar n-aghaidh, bha sinn a’ gabhail fadachd gu leòr nach robh sinn a’ ruighinn ar ceann-uidhe. Bha Tomas a’ feuchainn ri ar misneach a chumail suas cho math ’s a’ b’ urrainn e; ach cha robh sin furasda dha. Thug e greis mhath air ar comhairleachadh gus ar misneach a chumail suas. Dh’ innis e dhuinn nach robh a h-aon dhe na nathraichean ud ri ’m faicinn ach faisge air aimhnichean; oir b’ ann air na beathaichean a bhiodh a’ dol a’ dh’ òl an uisge do na h-aimhnichean a bha na nathraichean a’ tighinn beò. Agus thuirt e ruinn nach cuireadh iad dragh sam bith oirnn aon uair gu’m fàgadhmaid an t-àite anns an robh sinn. Chaidh sinn air feadh na coille feuch am faigheamaid measan. Faodar a radh gur anns an rioghachd ud a tha na cnothan cho iongantach ’s a th’ air an t-saoghal. Tha dà sheorsa ann a tha cheart cho mor ri ceann duine. Agus dh’fheumadh duine ord-mor mar a th’ aig a’ ghobha mu ’m b’ urrainn e am bristeadh le aon bhuille. Ann am broinn nan cnothan so, tha na h-uiread de chnothan beag eile a tha fada caol, air dhòigh ’s gu’m bheil iad ’ga lionadh cho làn ’s a ghabhas i. Is ann am broinn nan cothan beaga so a tha ’m biadh. Mar is trice, tha na craobhan air am bheil na cnothan mòra so a’ fàs, dluth air sia fichead troidh a dh’àirde. Agus anns an am sam bi na cnothan abaich, cha’n ’eil e sabhailte do dhaoine a bhith coiseachd am measg na craobh. Nam buaileadh te dhe na cnothan ud air duine anns a’ cheann, chuireadh i an t-eanachain as. Tha cnothan eile anns an aite ud ris an canar gu cumanta “cnothan poite,” a chionn gu’m bheil iad anabarrach coltach ri poit mheirgeach, agus mar an ceudna, a chionn gu’m bheil am mullach a’ tuiteam dhiubh mar gu ’n tuiteadh am bord as a’ phoit an uair a chuirteadh a beul foidhpe. Tha na cnothan so lan de chnothan beag’ eile, mar a bha na cnothan a dh’ ainmicheadh mar tha. Agus, an uair a tha iad abaich, an aite tuiteam mar a ni na cnothan eile, is ann a tha na cinn a’ tighinn asda, agus tha na cnothan beaga ’tha ’nam broinn a’ tuiteam air an lar. Tha biadh briagha geal ’nam broinn, agus an uair a tha e ùr, tha e araon blasda ri ’itheadh, agus ’na bhiadh cho fallain agus cho neartar ’s a b’ urrainn duine ghabhail. O nach robh na b’ fhearr de bhiadh againn anns an am, bha sinn riaraichte gu leir leis na cnothan. Chruinnich sinn cuid mhath dheth gach seòrsa meas a thachair ruinn gus a thoirt leinn air eagal nach tachradh measan ruinn air a’ chomhnard mhor, fharsuinn, troimh an robh againn ri dhol. Agus mur b’e gu’n robh ultach cloiche againn a thug sinn a bruaich na h-aimhne, cha bhiodh e furasda dhuinn na cnothan a bhristeadh. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN URA. LE DONULL MAC LEOID. Chuala h-uile Gaidheal mu dheighinn an soitheach smuide briagha an Clansman, a tha a seoladh no a’ smudadh eadar Glaschu agus gach port us eilean ’us bagh us camus a tha air taobh an iar na Gaeltachd, gu ruig am Badcall. Bha mi aon uair a gabhail turus oirre; agus bha Iudhach air bord a bha creic uairadairean oir ’us airgid. Bha e a’ deanamh moran de fhearas chuideachd agus bha facal de Ghailig aige ’s bhiodh e ’gan cantuin an drasda ’sa rithist. Bha gille mor shia troidhean a aonan de na h-eileanan air bord a bha ’dol do’n Ghalldachd a shireadh cosnaidh. Thoisich e air Maois, ag radh nach b’ urrainn e smugaid a chur a ’bheul. Is minic a chuala mi fein nuair bha mi nam stob de bhalach nach b’ urrainn Iudhach sam bith sin a dheanamh, bho nuair a thilg feadhainn dhiubh smugaid air an t-Slanuidhear. Cha’n ’eil ach teirc de Ghaidheil a thainig gu aois na tuigse a creidsinn sin; ach tha a bharail so a measg na cloinne, air a sineadh a nuas bho linn gu linn. Coma co dhiubh, bha’n Gaidheil gle sgaiteach agus a tairgse geall leth-chrun a chur air a chuis. Thuirt Maois ris gun e a bhith a’ deanamh amadan dheth fhein. Bha’n Gaidheal ’ga leantuin ’sa leth-chrun na dhorn. Mu dheireadh thuirt Maois gun gabhadh e’n geall. Chur na fir an t-airgead ann an laimh fear eile. Bha an Gaidheil fuasach subhach, bha a mhisneachd a reir a bharail. Chunnaic mi lasair a tighinn ann a suilean Maois cosmhuil ri faileas na lasair sin a chunnaic fear araidh de a shinnsir. Thilg e, an cead do ’n chuideachd, smugaid mhor, fhuaimneach air an eileanach eadar an da shùil. Bha ’n Gaidheal balbh leis an iongantas. Thuirt Maois ris, “Cum do leth-chrun air neo thoir do neach bochd sam bith e; cha’n eil mi ’g iarraidh ach beagan de’n aineolas a chur asad.” Bha gach neach a chunnaic a’ rud a bh’ ann gle thoilichte mar a thachair, ged bu Ghaidheil iad uile. Bha duine eibhinn eile air bord; ’se Seumas Miath a theirear ris air son cho deighal ’sa tha e air biadh math. Cha’n ’eil ceum de’n Ghaeltachd nach ’eil e a’ siubhal a dol gus an t-Sacramaid. Innsidh e do gach neach ris am bith e a’ bruidhinn, gur h-i an “deise dhubh” aige a tha ’sa bhocsa a bhios air a ghairdan. Tha greag ’sa cheann aige. Tha am borabar anns na Sgeul. Arab. ’ga thoirt nam chuimhne. Cha ghabh cur air falbh air, an uair a runaicheas e stad an tigh sam bith. [TD 43] [Vol. 8. No. 6. p. 3] Cha toigh leis na Gaidheil neach sam bith a chur air falbh bho’n dorus aca; agus neach sam bith a tha ’g aideachadh, no a “suidhe aig na Buird,” cha toigh leotha cur ’na aghaidh dh’ aindeoin cho beag meas ’sa bhios ac’ air mar dhuine. Bha Seumas ag ol ti air feasgar fuar fliuch an taigh Iain Shaighdeir. Thainig Iain coir fhein a stigh fuar, fliuch ’us sgith de ’n mhur. “Suidhibh a stigh ris a bhord ’us gabhaibh cupa ti,” arsa bean an tighe. “Cha dean an duine suidhe stigh,” arsa Seumas, “’s aithne d’an duine na’s fhearr na sin; ni e fuireach gus an dean sibh lan na poite dha fhein: cha uilear dhomh fhein na tha ’n so.” Bha Seumas uair an tigh eile aig am bidhe; bha aran corc ’us iasg air a bhord. Cha’n iarr Seumas air neach sam bith an t-altachduin a radh; tha e an duil gur h-e e-fhein a’s fhearr laimh air. Bha e a’ talach air a bhiadh, dhun e a’ shuilean us chrath e a cheann ’us thoisich e mar so: “O! bheathaich Thu do phobull roimhe air aran agus iasg, agus gu dearbha bu thioram am biadh e.” B’ aithne dhomh uaireigin duine coir aig nach robh facal foghlum; ’si a bhean aige a bhiodh a’ “gabhail na Leabhraichean” gach moch ’us ainmoch, ach dheanamh e-fhein an urnuigh. Cha robh moran de thonaisg aig a bhean ged dheanamh i plubadaich de leughadh anns a Bhiobull. Bha i air maduinn araidh a leughadh mu Eoin an uair a bha e ’san fhasach a tigh’n beo air locusts agus mil fhiadhaich. ’Sann mar so a leugh i e: “Agus bu bhiadh dha locusts agus muill fhitheich. ’Se sin, a chlann, fitheich oga,” ars’ ise, ’s i ’ga mhinachadh dhaibh. “Bu chearta cho math leam thu bhi mionnan,” arsa fear an taighe. Bhiodh Iain a’ Chladaich a mach moch a h-uile maduinn a’ feuchainn de a churadh a mur air tir dha; agus dheanadh a chridhe gairdeachas ’nuair a thigeadh a stoirm, bhol mar biodh stoirm ann cha bhiodh long-bhristeadh ann, agus cha tigeadh dad air an tiura, ach beagan feamainn. Latha deth na laithean, chur dithis ghillean oga rompa an car a thoirt a Iain. Dh’ fhalbh iad gus a’ chladach gle mhoch. Bha baire de fheamainn dearg air an tiura. Rinn iad iad-fhein fhalach anns an fheamainn agus ceann an dara fir a’ fianuis air aon taobh de’n dun ’us casan an fhir eile am fianuis air an taobh eile dheth, air chor ’s gu robh an dithis cosmhuil ri aon duine mu ochd troidhean a dh’ airde ’us botan mara air. Thainig Iain ’s e bruidhinn ris fhein; chunnaic e an duine fada, rinn e greinn air te de na botan ’us thubhairt e: “O! ghradhaich ’s mor thu, O! ghradhaich ’s fhad thu. Gheibh t-anam trocair ach bios do dha bhot agamsa.” Fhuair fear de na h-aighean aig Coinneach a mach a buaile na seasgaich. Bha Coinneach fhein a’ feuchainn ri a chur a stigh a rithist, ach bha an t-agh gle fhiadhaich. Cha robh sin na iongantas, ’nuair a bha duine mor mar bha Coinneach a’s a dheigh ’us maide cosmhuil ri long-suist aige na dhorn. Cha’n e gu robh e airson a maide gun chron a bh’ ann dheth, ach ’se nadur an duine greim a dheanamh air maide no air clach an uair a chi e beathach sam bith ged nach biodh ann ach luch. Nach i sin an oighreachd a fhuair sinn o Adhamh, tighearnas a bhith againn air gach ni a tha beo air thalamh? Dh’ eubh, Coinneach a mach, “Gu’n gabh a Riabhach thu!” Cha’n ’eil fios agam an e mionnun a th’ ann a sin no nach e, cha mho tha fios agam de tha a Riabhach a ciallachadh. Cha ’n eil ach gle bheag de mhionnan ’sa chanan againne, agus, an fheadhainn a bhios a’ gnathachadh briathran garasinach de’n t-seorsa sin, ’s e mionnun Gallda bhios aca. Thainig bean Choinnich a mach ’ga chobhar, ’us thoisich i air toirt chadhaichean de’n agh. Stad Coinneach ’us thuirt e rithe, “Cha’n iongantas an t-agh a bhith fiadhaich ’s tu tigh’n a mach le aparan geal ort a cur eagail air.” Churadh e-fhein eagal air leomhan. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. VII. An uair a chaidh an righ do ’n chaisteal far an robh a mhac, ghabh a mhac ris leis an urram ’s an umhlachd a bha dligheach dha. Shuidh an righ; agus an uair a thug e air a mhac suidhe ri ’thaobh, chuir e caochladh cheisdean air, agus fhreagair e gu turail iad. Sheall an righ uair is uair air an ard-chomhairleach, mar gu’m biodh e ag radh ris, nach robh coltas sam bith gu’n deachaidh a mhac as a rian, ach gu’n robh a’ chuis coltach gu’n deachaidh an t-ard-chomhairleach e fein as a rian. Mu dheireadh labhair an righ ri ’mhacmudheidhinn na mna-uaisle, agus thuirt e, “A mhic, dh’ innseadh dhomh gu’n robh bean-uasal ’na laidhe air uachdar an aodaich ri do thaobh ’s an leabaidh an oidhche roimhe. B’ fhearr leam gu’n innseadh tu dhomh co i.” “B’ fhearr leam nach biodh sibh a’ cur m’ inntinn troimh a cheile na ’s mo na tha i leis na gnothaichean sin. B’ fhearr leam gu mor gu’n tugadh sibh cead dhomh a’ bhean-uasal ud a phosadh. Ged a bha mi gle fhad’ an aghaidh te sam bith a phosadh, ghabh mi a leithid de thlachd de ’n mhnaoi-uasail ud ’s nach bi dad de thoileachadh agam gu brath anns an t-saoghal so mur faigh sibh dhomh i ri ’posadh. Bhithinn fada ’nur comain nam faigheadh sibh dhomh i gun dail sam bith,” arsa mac an righ ri ’athair. An uair a chuala an righ na briathran so, ghabh e ioghnadh anabarrach mor. Thuig e gu soilleir gu’n robh a mhac fad’ o bhith cho suidhichte ’na inntinn ’s bu choir dha ’bhith. “A mhic,” ars, esan, “tha do bhriathran a’ cur moran ioghnaidh orm. Tha mi ’toirt mo mhionnan air a’ chrun rioghail, a bhios air a chur air do cheann fhein an uine gun bhith fada, nach aithne dhomh ni sam bith mu dheidhinn na mna-uaisle mu ’m bheil thu ’bruidhinn. Agus ma bha i anns an t-seomar so, cha b’ ann le m’ fhiosrachadh-sa. Ach cia mar a gheibheadh i steach do ’n chaisteal so gun fhios dhomhsa? Cha robh an t-ard-chomhairleach ach a’ feuchainn ri do chumail aig sith an uair a bha e ’cur an ire dhut gur docha gur e mise a chuir a’ bhean-uasal do ’n chaisteal. Air an aobhar sin, feumaidh gur e bruadar a chunnaic tu; agus b’ fhearr leam gu’n leigeadh tu an gnothach as do cheann buileach glan.” “Le ’r cead, a righ,” ars’ esan ’s e ’freagairt, “cha bhiodh e aon chuid coltach no nadarra dhomhsa teagamh a chur ann an aon fhacal dhe na thubhairt sibh; ach tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu’n eisd sibh gu foighidneach rium, agus an sin bidh sibh comasach air breith a thabhairt co dhiubh is e bruadar a chunnaic mi no nach e.” An sin dh’ innis Alsaman d’a athair mar a dhuisg e air an oidhche, agus a chunnaic e an aon bhoirionnach bu bhriagha e chunnaic e riamh ’na laidhe air uachdar an aodaich ri ’thaobh anns an leabaidh, mar a ghrad thuit e ann an trom-ghaol oirre, agus mar a dh’fhairtlich air a dusgadh a dh’ aindeoin gach oidhirp a thug e. Dh’ innis e dha athair mar an ceudna mar a thug e am fainne bhar a meoire, agus mar a chuir e am fainne a bha air a mheoir fhein ’na aite. An uair a sheall e am fainne dha athair, thuirt e ris, “Tha sibh eolach gu leor air a bhith ’faicinn an fhainne a b’abhaist a bhith air mo mheoir, agus tha fhios agaibh nach e so idir e. A nis, tha dochas agam gu’n creid sibh gu lan-mhath nach do chaill mi mo chiall, mar a bha sibh a creidsinn a thachair dhomh.” Thuig an righ gur e an fhirinn a bha ’mhac ag innseadh dha, agus leis an ioghnadh a chuir a h-uile rud bh’ ann air, cha robh fhios aige ciod a theireadh e. An uair a chunnaic mac an righ gu’n robh athair ’na thosd, thuirt e, “Le ’r cead, a righ, cha ’n ’eil iomhaidh mhaiseach na mna-uaisle a’ falbh bhar m’ inntinn, oir thuit mi ann an gaol cho trom oirre ’s nach urrainn domh a bhith beo as a h-aonais. Air an aobhar sin, tha dochas agam gu’n gabh sibh truas dhiom, agus gu’n grad fhaigh sibh dhomh i ri ’posadh.” Fhreagair an righ, agus thuirt e, “A mhic, on deigh na chunnaic agus na chuala mi, cha ’n ’eil mi’ cur teagamh sam bith nach fhac’ thu a’ bhean-uasal agus nach do ghabh thu gaol mor oirre. B’ fhearr leam gu’n robh fhios agam co i, agus gheibhinn dhut i gun dail. Agus cha b’ e mhain gu’m biodh tu fhein sona, ach bhithinnsa cho sona ri athair a tha beo an diugh air an talamh. Ach cha’n ’eil fhios agamsa air ur-uachdar an t-saoghail co i, no c’ait am bheil i. Cha’n ’eil mi ’tuigsinn idir cia mar a gheibheadh i steach do ’n chaisteal gun m’ aonta-sa. C’ar son a thainig i g’ ad bhrosnachadh gu gaol a ghabhail oirre, agus a dh’fhalbh i an uair a thuit thu ’na do chadal? Tha mi ag aideachadh nach urrainn domh na nithean so a thuigsinn; agus mur cuir am fortan doigh ’nar rathad leis am faigh sinn fiosrachadh mu na nithean so, tha eagal orm nach bi mi fhein ’s tu fhein fada beo.” An uair a thuirt e so, rug e air laimh air a mhac, agus thuirt e, “Tiugainn dhachaidh, a mhic, agus deanamaid bron maille ri cheile. Bidh do chridhe-sa air a bhristeadh le gaol, agus bidh mo chridhe-sa air a bhristeadh le bhith ’g ad fhaicinn a’ cnamh ’s a’ dol as, agus gun chomas sam bith agam air cobhair a dheanamh ort. Chaidh an righ agus a mhac dhachaidh do ’n luchairt, agus an latha sin fhein thugadh gu laidhe na leapadh e leis mar a fhuair an gaol agus an t-eu-dochas greim cho mor air chridhe ’s air an inntinn aige. Ged nach deachaidh an righ gu laidhe na leapadh, gidheadh fhuair am bron a leithid de ghreim air ’s nach robh e ’dol ann am fianuis duine. Agus bha e anns an t-suidheachadh so fad iomadh latha. Air latha araidh, thuirt an t-ard-chomhairleach ris, gu’n robh araon uaislean na cuairte, agus mar an ceudna moran dhe ’n t-sluagh, air toiseachadh ri gearain gu trom nach robh iad ’g a fhaicinn, agus nach robh e, mar bu ghnath leis, a’ toirt breith gach latha air cuisean an t-sluagh, agus gu’n robh eagal air gu’n eireadh aimhreit agus ar-am-mach am measg an t-sluaigh. “Tha mi gu h-umhail a’ guidhe air bhur morachd,” ars’ esan, “nach dean sibh dearmad air cuisean an t-sluaigh a reiteachadh. Tha fhios agam gu’m bheil sibh a’ toirt comhfhurtachd mhor do’n phrionnsa le bhith ’na chuideachd an comhnuidh, agus gu’m bheil a chuideachd-san a’ toirt faothachadh cridhe dhuibhse bho na tha sibh a’ fulang, Ach air a shon sin, cha choir dearmad a deanamh air gnothaichean na rioghachd a chumail an ordugh. B’ e mo chomhairle-sa dhuibh a dhol a dh’ fhuireach do’n chaisteal a th’ ann an eilean na acarsaid, agus am prionnsa a thoirt leibh. Foghnaidh dhuibh (Air a leantuinn air taobh 46) [TD 44] [Vol. 8. No. 6. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., OGUST 18, 1899. AIMHREIT AN T-SAOGHAIL. Tha cogadh no dha, beag no mor, a dol air an aghaidh anns gach bliadhna. On tha rioghachd Bhreatuinn co anabarrach farsuing, ’us on tha gach seorsa daoine fo ughdarras ar Ban-righ, tha daonnan clambar thall no bhos, agus tha ’n claidneamh air a tharruing as a thruaill airson aramach a chiosnachadh, agus treubhan aingidh, borba, luasganach a ghleidheadh ann an staid shamhach, shocrach. Chaidh beagan bhliadhnachan seachad on bhuail fiabhrus trom rioghachdan na Roinn-Eorpa airson Mor-Roinn Africa ’roinn ’n am measg fein, gun cead no comhairle ’iarraidh no ’fhaotainn bho na fineachan a bha ’s a tha maille ri ’n aithrichean re iomadh ceud bliadhna, ma dh’ fhaoidte, a tuineachadh ann an comhnardan agus am measg cnoic ’us aonaichean Africa. Tha, gun teagamh, aobhar aig luchd-riaghlaidh Bhreatuinn a bhi seachd sgith de ’n dragh a tha aca ann a bhi ’cumail sith ’us seasgaireachd anns na h-aitean a bhuineas doibh ann an Africa. Tha faisg air ceud bliadhna on ghabh Breatunn sealbh air taobh mu dheas Africa, no air Ros an Deadh Dhochais. Cha ’n ann gun dortadh eagalach fala, ’s gun uamhas ionmhas a chosd ’s a sgaoileadh, a fhuair Breatunn agus a ceannardan gaisgeil lamh an uachdair fa-dheoidh air gach Hottentot ’us Caffair seolta, carach agus cruadalach ann an ceann mu dheas Africa. Is iad na Duitsich a rinn comhnuidh air tus aig Ros an Deadh Dhochais. Is ann bho na Duitsich so a thainig na Boeirich a tha an diugh a tabhairt iomaguin ’us craidh gu leoir do luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Gun teagamh tha moran de fhuil nan daoine ’bha ann an ceann mu dheas Africa an trath a chaidh na Duitsich ann, a’ ruith a nis ann an cuislean nam Boereach. Cha ’n ’eil moladh mor air bith ri bhi air a dheanamh air na Boeirich no air na Duitsich ann an Africa; oir is e daoine gun mhoran stuaim, no gliocais, no carthannachd a tha annta. Tha Breatunn daonnan le onoir ghasda ’tabhairt nan cothroman ceudna do gach treubh ’us fine ’tha ’g aiteachadh duthcha air bith air am bheil uachdaranachd aice. On latha ’chaidh suaicheantas aghmhor Bhreatuinn a thogail aig ceann mu dheas Africa, ’s a thoisich e air aodann boidheach a chrathadh anns a’ ghaoith, fhuair na Duitsich agus na Boeirich gach ceartas ’us caoimhneas bho chrun ’us bho luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Chaidh daoine treubhach, cruadalach o am gu h-am mu thuath de Ros an Deadh Dhochais, agus thoisich iad uidh air n-uidh air sealbh a ghabhail agus air aiteachadh a dheanamh ann an comhnardan mora, reamhar, a tha lionmhor gu leoir ann an Africa. Is e na Breatunnaich, agus cha ’n e na Duitsich idir, a chaidh mu thuath agus a chuir eolas air na machraichean torach, beartach a tha air gach taobh de ’n amhainn Bhaal. B’ eigin do Bhreatunn, an aghaidh a toil fein, iomadh uair cogadh a dheanamh, a chum fineachan leth-fhiadhaich a chiosnachadh agus a chumail ann an ordugh ann an Africa. Chaidh an Transbhaal aig aon am a nasgadh ri Breatunn, no ris na Roinnean eile ’tha bho riaghladh Bhreatunn ann an ceann mu dheas Africa. B’ fhearr gu mor fada gu deachaidh an nasgadh so ’leantuinn agus a chumail suas gu durachdach, gun atharrachadh no laigse air bith. Bhitheadh mar so sluagh an Transbhaal gu buileach agus gu cinnteach fo ughdarras agus fo riaghladh Bhreatuinn, agus bhitheadh uachdaran aca bho Bhreatunn, agus gheibheadh gach duine dubh ’us geal ’us odhar ceartas, caoimhneas, tearuinteachd, ’us sonas. Beagan uine an deigh do ’n nasgadh so ’bhi air a dheanamh—glic, iomchuidh, tarbhach mar a bha e, ’s mar a bhitheadh e—thainig Gladstone gu inbhe ard ’us chumhachdach ann am Breatunn. Tha iomadh moladh laidir air a dheanamh air Gladstone; oir is e duine foghainteach a bha ann. Bha inntinn gheur ’us threun aige. Is e sgoilear snasmhor a bha ann. Bha e lan eud ’us dichioll ’us saothrach. Bha e re iomadh bliadhna ann am Parlamaid Bhreatunn a tabhairt gach comais ’us eolais ’us gliocais a bha aige airson cuisean iomadach Bhreatunn a chur air an aghaidh agus a cheartachadh ’s a reiteachadh air an doigh a b’ fhearr ’s a bu chinntiche. Cha ’n e slighe dhireach idir a lean e. Mar bha beachdan ura ’faotainn aoidheachd ’n a inntinn bha e ’treigsinn slighe ’s beachd nan laithean a dh’ aom, agus ag imeachd ann an slighean nuadha, ’s le mor speis ’us eud as leth nam beachdan ura ’bha e ’g altrum. Is e smior na firinn gu robh Gladstone lag ’us luaineach anns gach cuis ’us dragh ’us ni ’bhitheadh aig Breatunn le rioghachdan eile, no le cinnich ’us uachdarain a bha ann an iomadh cearna gu direach ’us gu diongmhalta fo stiuradh ’us fo ughdarras Bhreatuinn. B’ eigin aig am sonruichte do Bhreatunn an claidheamh a rusgadh an aghaidh nam Boereach anns an Transbhaal. Rinn ceannard an fheachd mearachd anns an ordugh a thug e do na saighdearan dearga, ’s fhuair na Boeirich buaidh air arm ainmeil, lasgarra, mheamnach Bhreatuinn. Bha saighdearan Breatuinneach ann an uine ghearr co lionmhor ’us co eudmhor air oirean an Transbhaal ’s gu cuireadh iad gun teagamh crioch air uabhar ’us cumhachd nam Boeirich bhorba, mhosach, anns an Transbhaal. Cha d’ fhuair ceannardan ’us saighdearan dearga Bhreatuinn cothrom idir air dioghaltas ’fhaotainn agus a ghabhail air na Boerich, airson na buaidh a fhuair iad le aineolas no le mearachd a’ cheannaird a threoiraich na saighdearan dearga air doigh co chearr ’us bochd ’s gu ’n d’ fhuair na Boeirich lamh an uachdair orra. An uair a bha fios thall ’s a bhos gu tainig smal ’us call ’us tarcuis air cliu ’s onoir ’us maisealachd Bhreatuinn ann an stri nan lann, bha gach ceannard ’us saighdear ’us duine measail ’us gaisgeil ann an rioghachd Bhreatunn, iarrtuiseach agus dealasach gu faigheadh feachd onorach Bhreatuinn cothrom eile air buaidh ’fhaotainn air na Boeirich leth-fhiadhaich. Bha cumhachd mor aig Glabstone aig an am so. Cha ’n e ’mhain nach tugadh e cothrom do ’n fheachd cliu ’s onoir an airm Bhreatunnaich aisig agus a chosnadh air ais, thug e fein-riaghladh do na Boeirich, agus mar so chur e tamailt eagalach agus narach air feachd ’us uachdaranachd Bhreatuinn. Co luath ach beag ris an dealanach, chaidh fios air feadh fineachan Africa gu d’ thug na Boeirich buaidh air feachd ainmeil agus mheargantach Bhreatuinn. Chreid gach ceannard fine nach robh cumhachd Bhreatunn co anabarrach laidir agus duineil, agus gu faodadh iad fein aramach a dheanamh, agus peasanachd ’us tnu ’s anacainnt a nochdadh do Bhreatunn agus a charamh oirre a reir an toil mhaith fein. Tha iomadh aobhar muladach aig Breatunn a bhi ’g altrum doilgheis gu robh comas beag no mor aig Gladstone riamh a bheachd no ughdarras a nochdadh no ’chur an gniomh ann an gnothuichean an Transbhaal. Tha trioblaid gu leoir a nis mu chuisean nam Boereach. Tha e gle cosmhuil gu feum Breatuinn, le faobhar a’ chlaidheimh, Crugair agus a Bhoeirich a smachdachadh agus a chur sios, agus crioch a chur gu brath air gach cumhachd de ’m bheil iad a’ deanamh feum co bochd ’us co maslach. CONA. Tha an teine ann am meinn Chaledonia fhathast, ach tha e air a chumail gu math fodha, agus tha duil gu’m bi e an uine gun bhi fada air a chur as gu buileach. Thatar ag obair anns a chuid eile dhe’n mheinn, agus tha mu shia ceud deug tunna guail air a chur a mach a h-uile latha. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. [TD 45] [Vol. 8. No. 6. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha ’n carbad-iaruinn uair gu leth anmoch a tighinn a stigh oidhche Di-mairt; cha mhor gu bheil e tighinn aig an am cheart oidhche sam bith o’n chaidh an tim-chlar atharrachadh. Tha Sir Wilifred Laurier a’ dol as aicheadh gu’n do dhiult e cuireadh dh’ionnsuidh a chruinneachaidh mhoir a tha gu bhi aca ann a Chicago. Cha d’ fhuair e fhein no Morair Minto an cuireadh fhathast, agus uime sin bu doirbh dhaibh a dhiultadh. Tha moran sluaigh air tighinn do’n bhaile o chionn seachdain no dha, agus tha na taighean a tha gabhail bhordairean loma-lan. Thainig aireamh mhor de luchd-obrach a Halifax ’s a aiteachan eile oidhche Di-luain. Tha cuid de na daoine tha tighinn math gu leor, agus tha cuid nach eil. Tha teachdairean a Finnland an drasda ann an Newfoundland, a feuchainn ri cordadh a dheanamh ri riaghladh na duthcha sin air son aireamh mhiltean de’n co-luchd-duthcha a tha air son tighinn air imrich. Tha na Finns air fas sgith de ain-tighearnas Ruisia aig am bheil iad fo smachd agus a tha deiligeadh riuth gu cruaidh agus gu h-eucorach. Bha corp Sheumais Doyle, fear de’n dithis a chaidh a bhathadh eadar so us Sidni Tuath, o chionn faisg air tri seachdainean air ais, air fhaotainn faisg air an tigh-sholuis aig South Bar, maduinn na Sabaid s’a chaidh. Bha an corp air at gu mor leis an uisge, agus pairt dheth air cnamh. Bha e air a thiodhlacadh Di-luain. Cha d’fhuaireadh corp Kehoe fhathast. Maduinn Di-luain s’a chaidh, am feadh a bha Maitre Labori, am fear-lagha tha tagradh air taobh Dreyfuis air an rathad gu tigh na curtach, rinn dithis dhaoine feall-fholach air a shon agus loisg fear dhiubh air, a toirt lot basmhor dha. Tha e fhathast beo, ach cha’n eil e air innse co-dhiubh tha duil ri dhol am feobhas no nach eil. Theich am mortair, agus gu ruige so cha d’ fhuaireadh greim air. Tha cuid dhe ’n bharail gu ’n cuir bas Labori, ma gheibh e bas, call do-leasaichte air Dreyfus, ach tha e cho docha gur ann a ni e feum dha le daoine bhi gabhail o thaoibh na’s fhearr na bha iad roimhe so. Tha Dreyfus air ais anns an Fhraing, agus thatar ’ga fheuchainn a rithist. Cha deachaidh a shaoradh o’n chionta bhatar a cur as a leth ’nuair a thugadh air ais e, mar a tha cuid am barail; chaidh an oifig a bh’ aige ’san arm a thoirt dha air ais agus chaidh breith na curtach a fhuair ciontach e roimhe a chur air chul, ach bha aige ri cuirt eile a sheasamh air son na cionta cheudna. Sin a chuirt aig am bheil e an drasda, agus tha dochas laidir aig daoine gu faigh e ceartas air an turus so. Tha e air a dhol as gu mor ’na bhodhaig ’s ’na inntinn seach mar a bha e mu’n deach fhogradh as an duthaich, ach cha’n eil ceist a chuirear air aig a chuirt nach eil e freagairt gu h-ealamh agus gu direach. Tha moran de ard-oifigich an airm ’s de luchd-dreuchd na duthcha gu mor ’na aghaidh, ach a dh’aindeoin sin tha dochas gu faigh e ceartas, agus gu’m bi e air a shaoradh. Tha an t-side air tionndadh gu math fuar; shaoileadh duine gur h-e deireadh an fhoghair a th’ ann. Tha moran uisge sileadh, ’s cha’n eil ach fior dhroch cothrom aig daoine air an cuid feoir a dheanamh. Shabaidich dithis dhaoine ann a Halifacs oidhche Di-haoine s’a chaidh, agus rinn iad a cheile dhochann ’s nach mor nach robh iad marbh ’nuair a fhuaireadh iad. Tha na mathain a deanamh sgrios mor am measg nan caorach ann an ceann a tuath siorrachd Victoria air an t-samhradh so. Tha iad fas cho dana ’s gu’n tig iad do na pairceannan air a mheadhon latha a shireadh creiche. ’S bochd nach gabhadh cur as do na beathaichean millteach sin; tha iad a deanamh call mor a h-uile bliadhna. Tha fathunn a dol mu’n cuairt gur h-e ’n ath Riaghladair a bhios an Nobha Scotia, Mr C. C. Blackader, a tha ’cur a mach an Recorder, aon de phaipearan laitheil bhaile Halifacs. Ma gheibh e an dreuchd sin ’se a cheud fhear paipeir naigheachd air ’n do chuireadh an t-urram o’n a chaochail an t-Onorach Ioseph Howe, a bha ’na Riaghladair re uine ghoirid anns a bhiadhna 1872. Tha mile de luchd-obrach a dhith air luchd na h-obair-iaruinn anns a bhaile so, agus tha faisg air uiread eile a dhith orra-san a tha cur air adhart an rathaid iaruinn ann an siorrachd Inbhirnis. Tha an da chuideachd a’ tairgse dolair us cairteal ’san latha do chosnaichean matha. Cha bhi dith obrach air muinntir an eilean so fad an fhoghair, ach se ’s docha gu’n tig moran a aiteachan eile. Mur tig sgaothan de na h-Eadailtich ’s de na Chinesse, cha bhi aobhar gearain againn. Thachair sgiorradh umhasach air an rathad-iarruinn faisg air Polycarpe, an Cuebec, Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh, leis an do chaill coignear am beatha. Leum na carbadan bhar an rathaid, agus bha fear dhiubh air a thilgeadh direach air muin na h-inneil, ’s bha iadsan a bha anns a charbad sin air an sgaldadh gus an robh an fheoil a sruthadh dhiubh. Bha aireamh air an dochan gu dona a bharrachd orra-san a chaill am beatha. Cha’n eil fhios gu de dh’ aobharaich an sgiorradh. ’S iomadh sgeul a chualas re a gheamhraidh s’a chaidh mu shoibhreas Alasdair Dhomhnullaich, “Righ a Chlondaic,” agus cha’n eil teagamh nach robh a chuid mhor dhiubh fior. Tha an sgeul air tighinn a nise gu bheil e air bristeadh, agus ’na dhuine bochd a rithist. Bha e ann an Sasunn air an earrach s’a chaidh, agus cheannaich e innealan dhe gach seorsa air son a chuid mheinneanobra chadh, ach an deigh dha tilleadh, cha robh na meinnean a tionndadh a mach cho math ’sa bha duil aige, agus mar sin chaidh e air deireadh. Dh’ fhas na fiachan cho mor ’s nach b’urrainn dha am paigheadh agus thug e seachad gach coir a bh’aige gu bhi air a riarachadh air luchd nam fiach. Ghabh e ’n uair sin a spaid ’sa phiocaid, ’s chaidh e mach a chladhach an oir mar a thoisich e an toiseach aireamh bhliadhnaichean air ais. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 46] [Vol. 8. No. 6. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 43.) suidhe anns a’ chomhairle da uair an’ t-seachdain. Tha ’n t-aite anabarrach fallain, agus tha iomadh ni taitneach ri ’fhaicinn ann. Agus tha e neonach leamsa mur bi inntinn a’ phrionnsa air a togail gu mor bhar na nithean a tha ’cur dragh air. Chord a’ chomhairle so gle mhath ris an righ, agus gun dail sam bith thug e fa near an caisteal a bh’ air an eilean a chur ann an deadh ordugh. Cho luath ’s a fhuaradh gach ni air doigh anns a’ chaisteal, chaidh an righ agus am prionnsa a dh’ fhuirlach ann, agus bha iad a’ cur seachad na h-uine gu tursach maille ri cheile. (Ri leantuinn.) BAS RIGH TEARLACH I. Chriochnaich a’ bhliadhna 1644 gu ro challail do’n aobhar Rioghail. Bha Cromuel a nis air éiridh àrd ’s an arm Shasunnach. Thòisich an duine cruadalach so ’na chaiptin ’an arm na Pàrlamaid, agus ’an ùine ghoirid dh’ éirich e gu bhi ’na Sheanalair. ’S ann le marc-shluagh gu h-àraidh a bha esan a’ deanamh gaisge. Cha sheasadh marc-sluagh an rìgh idir roimhe. Ach ’n uair a bha aobhar an rìgh air tuiteam iosal an Sasunn, bha e air a mhisneachadh le bhi cluinntinn mar a bha Montros, a sheirbhiseach dileas, a’ soirbheachadh ’an Alba. Bha ’n saighdear fuilteach so ’na phriosunach ’an Caisteal Dhueidin ’n uair a bha Tearlach an sin. Ach co luath ’s a fhuair e cead a choise, chaidh e do Shasunn a chur a chomhairle ris an righ. Ghealladh àireamh shaighdearan a chur a Eirinn thuige. Phill e do Alba, ’s thruis e beagan mhiltean ri cheil’, a chuir e ’n ceann nan Eirionnach a thainig air tir ’an taobh ’s iar Alba. Bha eadar a cuig ’s a sea mhiltean aige. Leo sin chuir e ’n ruaig air a’ bheagan airm a bha ’nis ’an Alba caochladh uairean. Feudar a radh gu’n do choisinn e ’bhuaidh sea uairean an car bu lugh’ an aghaidh arm beag nan Cùmhnantach. Ged bu shaighdear seolta Montros, cha robh ann deth ach eutroman. Bha e co mor air a thogail suas le ’shoirbheachadh ’s gu’n do sgriobh e mar so gu Tearlach, “cha ’n ’eil mi ’g iarraidh, an deigh an duthaich so e’ cheannsachadh do bhur Morachd, agus buaidh a thoirt o Dhan gu Beerseba ach gu’n tugadh sibh dhomh cead a radh mar thuirt Seanalair Dhaibhidh ri ’mhaighstir, thig fein, air eagal gu ’m bi ’n duthaich air a h-ainmeachadh ormsa.’” Cha do lean so fada. Cha’n fhoghnadh le Montros Alb’ a cheannsachadh. Thog e air gu dol a steach air taobh tuath Shasuinn. Chuir Cinn-iuil nan Cumhnantach fios air Seanalair Lesli, Iarla Lebhen, greasad a nall a ceann a deas Shasuinn, agus coinneamh a chumail ri Montros. Air maduinn an treas la deug de cheud mhios an fhoghair, 1645, thainig Iarla Lebhen le sea mile saighdear tapaidh air Montros gun fhios, aig aite ris an abrar Philiphaugh, faisg air Selcirc. Chuir e as gu tur do armailt Mhontrois; theich an ceannard fein le ’bheatha do na beanntaibh le da fhichead marcach. Goirid an deigh sin fhuair e teicheadh gu tir mor na h-Eorpa; mar sin chaidh e as o’n chroich aig an am sin; “ach bha chocrach a’ fas.” Bha Tearlach a nis air na h-uile dochas a chall a thaobh Alba, agus bha gach cearna de Shasunn gu bhi air an toirt as a lamhaibh gu buileach mu’n am so. Bha ’chuid saighdearan a’ call am misneachd, agus saighdearan na Parlamaid air an robh Cromuel ’na cheannard a’ fas ’am misneachd. Air a theannachadh air gach taobh, ’s gun fhios aige ciod a dheanadh e, ’s e smuainich e gu’n tilgeadh se e fein air caoimhneas an airm Albannaich, a bha e’n duil a bhuineadh ris ni bu shuairce na arm na Parlamaid. Dh’ fhan e ochd miosan’s a’ champ Albannach; ach bha ’n Cogadh Siobhalt a nis air sgur, agus an t-arm Albannach air pilltinn dhachaidh; ’s cha b’ urrainn iad a chumail ni b’ fhaide. Roghnuich e fein a bhi’anaon de’luchairtean faisg air Lunnuinn, air son comh sgriobhadh a chumail ris a’ Pharlamaid; agus thugadh seachd e do arm na Parlamaid, ’an deigh gealladh soluimte fhaotainn nach deantadh coire sam bith no ainneart air pears’ an righ. Threoraich Iarla Lebhen ’an sin an t-arm air do’n duthaich fein. Tha cuid a’ faotainn coire do’n arm Albannach airson an righ a thoirt suas do’n arm Shasunnach idir. Tha iad le so a’ taisbeanadh am mi-ruin ’s an aineolais. Cha b’ urrainn na h-Albannaich a chumail gun cogadh ris an arm Shasunnach, ni bha ’n aghaidh an aobhair air son an tainig iad ga’n comhnadh. Agus ged a chumadh iad e ciod a dheanadh iad ris? agus co fad ’s a bu leir do dhuin’ aig an am cha robh cunnart air bith gu’n tachradh do’n righ mar a thachair. Lean a Pharlamaid air coluadar ’an sgriobhadh a chumail ris an righ greis an deigh dhoibh fhaotainn ’n an lamhaibh fein; ach chum iad ’na phriosunach e. Cha robh ni a dh’iarr iad air nach gealladh e dhoibh mu dheireadh ach da ni; b’e sin easbuigeachd a chur sios ’s an eaglais, agus a chairdean no a luchd-comhairle thoirt thairis gu peanas. Cha’n aontaicheadh e ris an da ni sin. Ach na ’m biodh earbsa sam bith aig a’ Pharlamaid a cliu Thearlaich, bha iad air bi riaraichte gu leor leis na gheall e. Bha fios aca co luath ’s a gheibheadh e ’n cothrom gu’m feuchadh e ri ’n cur fodha ris, agus an saorsainn uile thoirt uatha. Bha Cromeul gniomhach anns a bhi riaghladh nan cumhachan a dheanadh an righ ris a’ Pharlamaid. Bha ait aige-san ’s a’ Pharlamaid, a thuilleadh air e bhi da rireadh, ’na cheann air an arm. Bha ’n righ a gabhail air a bhi gle chairdeach do Chromuel. Cha robh inbhe no urram nach gealladh e dha. Ghlac Cromuel litir o’n righ thun na banrigh a bha ’s an Fhraing anns an dubhairt e “gun eagal a bhi oirr’ air son esan a bhi ’gealltuinn cus;—’n uair a thigeadh an t-am, gu’m b’ aithne dha-san ropan cainb’ a charadh mu amhaichibh nan daoidhearan ’an aite garean side.” Cha stadadh Cromuel an deigh so gus an d’ fhuair e amhach Thearlaich air an ealaig, ni a bha e cinnteach a dheanadh Tearlach airsan na’m faigheadh e gu brath an cothrom. Chuir an ceannard neo sgreamhail so fear de ’chuid oifigearan le da reisimeid gu Tigh na Parlamaid, agus sgiurs am fear sin air falbh da cheud de Bhuill na cuirte sin. Cha d’fhag e ann ach mu thri fichead, a bha de’n aon bheachd ri Cromuel fein, agus ris an abair sgriobhadairean, an Rumpull. Thug e orra sin Reachd a dhaingneachadh leis an robh an righ air a dhiteadh mar ciontach de ard-cheannairc air son cogaidh an aghaidh na Parlamaid. Chuireadh Tearlach fo dheuchainn a bheatha ’reir an Reachd so, ach cha’n aidicheadh e ughdarras na Cuirt a bha ga dhiteadh idir. Co dhiu dhit iad e gu bhi air a chur gu bas. Chuireadh an ceann dheth, fa chomhair luchairt Whitehall air an deicheamh la fichead de’n cheud mhios, 1645. Thug Cromuel, an sin ma’n airidh Comh-fhlaitheachd a bhi air a h-eigheach air son nan eileanaibh Breatunnach.—Eachdraidh na h-Alba. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. [TD 47] [Vol. 8. No. 6. p. 7] COMHRADH NAN IOLAIREAN. Tha e air a radh gu’n cuala ciobair an Comhradh a leanas eadar seann iolaire agus a h-alach og, am feadh ’s a bha e toirt an aire air an treud— “Mo chlann,” ars’ an iolaire, “chunnaig sibh mi a’ tiolpadh nan cearc as na h-iolannan, a’ glacadh na maighich anns a’ phreas, agus a’ togail a’ mhinn o ’ionaltradh. Ach tha cuimhne agaibh blas ’fhaighinn air biadh moran is millse na iad sin—is minig a thug mi dhuibh cuirm de fheoil DUINE.” “Innis dhuinn,” arsa na h-iolairean oga, “c’aite ’m faighear ’daoine, agus ciamar a dh’ aithnichear iad; oir is cinnteach gur i feoil an duine biadh nadurra na h-iolaire. Carson nach d’ thug thu duine slan a dh’ ionnsuidh na nid ann ad spuirean?” “Tha e tuilleadh ’s dumhail, trom,” ars an iolaire, “an uair a dh’ amaiseas sinn air duine cha ’n urrainn duinn ach fheoil a stroichdeadh leinn agus na cnamhan ’fhagail as ar deigh.” “Mar tha an duine cho mor a’s sin,” ars an fheadhain oga, “ciamar a tha ’dol agad air a mharbhadh? Tha fiamh agus eagal agad roimh ’n mhadadh-alluidh agus am math-ghabhainn; ciod an cumhachd leis am bheil buaidh aig na h-iolairean thairis air an duine? Am bheil an duine na’s laige na caora?” “Cha ’n eil againn,” fhreagair an iolaire, “neart an duine, agus tha mi air uairibhh an teagamh a bheil a sheoltachd againn; agus b’ ann fior-ainneamh a gheobhadh iolairean cothrom air ’fheoil itheadh mur biodh Nadur, a dh’ orduich e chum ar feum air buirbe iongantaich a chur ann, nach faca mi riamh ann an creutair air bith eile a tha ’chomhnuidh air an talamh. Gu tric coinnichidh da threud mhor de dhaoine, criothnaichidh an talamh leis an toirm a ni iad agus lionar an t-adhar le teine. An uair a chluinneas sibh tiorm agus a chi sibh teine a’ ruith air aghaidh na talmhainn, greasaibh a dh’ ionnsaidh an aite le uile luaths ur sgeith, oir bithibh cinnteach gu bheil daoine a’ sgrios a cheile; gheobh sibh an talamh dearg le fuil agus cuirnichte le closaichean marbha, agus moran diubh air an srachadh agus air an gearradh air son nan iolairean.” “Ach an uair a mharbhas na daoine an cuid creiche,” ars’ na h-iolairean beaga, “carson nach ’eil iad ’g a itheadh? An uair a mharbhas madadh-alluidh caora, cha’n fhuiling e do ’n iolaire teachd ’ga choir gus am bheil e fein air a shasuchadh—‘Nach e seorsa de madadh-alluidh a tha anns an duine?’” “Is e an duine,” ars an iolaire, “an t-aon chreutair a mharbhas an ni sin nach ith e, agus is i a’ bhuaidh so a tha ’ga fhagail ’n a charaid cho math do’n chinneach againn-ne?” “Ma tha an duine mar so a’ marbhadh creiche dhuinn-ne agus ’ga fhagail ann ar rathad,” ars’ an iolaire og, “ciod am feum a tha againn air saothrachadh air ar son fein?” “Tha,” ars’ a mathair, “a chionn gu’m fan an duine air uairibh re uine fada samhach ’n a gharaidh. Innsidh na seann iolairean duibh cuin a tha sibh ri suil gheur a chumail air a ghluasadan. An uair a chi sibh buidhnean mor dhaoine a’ siubhal comhladh, faodaidh sibh a thuigsinn gu bheil iad ri seilg agus gu ’m faigh sibh ur diol de fheoil duine gu h-aithghearr.” “Ach stadaibh,” ars’ an iolaire og, “bu mhath leam fios fhaighinn air an aobhar air son am bheil daoine mar so a’ sgrios a cheile. Cha b’ urrainn domh fhein a mharbhadh an ni sin nach ithinn.” “Mo leanabh,” ars’ a mathar, “an uair a bha mise og, b’ abhaist domh dol a thaghal air seann iolaire aig an robh a comhnuidh anns na creagan ud shuas. Bha i tighinn beo o bhliadhna gu bliadhna air mionaichean dhaoine. Thuirt i, mar a bha geugan na craoibh dharaich air am bualadh r’ a cheile leis an doininn a chum gu ’n tigeadh na mucan-fiathaich beo air na cnothan a thuiteadh dhiubh, gu’n robh daoine mar so le cumhachd do-thuigsinn air an sparradh an aghaidh a cheile a chum ’s gu’m biodh na h-iolairean air am beathachadh. Agus tha an fheadhainn a tha ag itealaich os an cionn a’ toirt aire gu’m bheil fear anns gach treud a tha toirt seolaidh do chach agus a tha a reir coslais a’ gabhail tlachd anabarrach anns a’ chasgradh oillteil. Ciod e a tha toirt coir do’n fhear so inbh cho ard? cha’n e idir fear is momha no is luaithe na cach, ach tha e ’taisbeanadh leis cho-dian a’s cho dichiollach ’s a tha e gur esan, gu sonruichte, CARAID NAN IOLAIREAN. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am Feillire. OGUST, 1899. 1 Di-mairt An Lunasdail. 2 Di-ciaduin 3 Dior-daoin Crunadh Righ Seumas III, 1640. 4 Di-haoine 5 Di-satharna Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 DI-DONAICH XI. Donaich na Caingis. 7 Di-luain 8 Di-mairt Bas Dheorsa Channing, 1827 9 Di-ciaduin Breith Iain Dryden, 1631. 10 Dior-daoin An fheill Labhrainn. 11 Di-haoine La Dailrigh, 1306. 12 Di-satharna 13 DI-DONAICH XII. Donaich na Caingis. 14 Di-luain Mort Righ Donnachadh 1040 15 Di-mairt 16 Di-ciaduin La Chillsaoidh, 1645. 17 Dior-daoin Breith an Ridir Iain Hope, 1766. 18 Di-haoine La Phreston, 1649. 19 Di-satharna 20 DI-DONAICH XIII. Donaich na Caingis. 21 Di-luain La Dhun-chaillinn, 1689. 22 Di-mairt Blar na Bratoiche, 1138. 23 Di-ciaduin Mort Uallais leis na Sasunnaich, 1305. 24 Dior-daoin 25 Di-haoine Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-satharna Bas Phadruig Ghibson, 1829 27 DI-DONAICH XIV. Donaich na Caingis. 28 Di-luain 29 Di-mairt La Loch-aillse, 1722. 30 Di-ciaduin Bas Chardinal York, 1807. 31 Dior-daoin MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 6, U. 7, M. 34 M. A Cheud Chairteal L. 14, U. 7, M. 40 M. An Solus Lan L. 21, U. 0, M. 31 M. An Cairteal mu Dheireadh L. 27, U. 7, M. 43 F. Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 48] [Vol. 8. No. 6. p. 8] Amhlacadh an Ridir Iain Mor. EADAR. LE DONULL MAC LEOID. Cha do bhual sinn sgiath na teudan a chraidh ’Nuair a ghreas sinn le ’chorp fo dhion balla, Cha d’ loisg sinn urchar a’ nochdadh ar baigh Far na chur sinn ar curaidh fo’n talamh. Dh’ amhlaic sinn droch e mu mheadhon na h-oidhch’ Leis a’ bhaigneid a’ cladhach na h-urach, Bha gathan faoin gealaich a’ toirt dhuinn soills ’S an lochran gu doilleir ’us mugach. Ciste gun fheum cha robh duint’ os a cheann, Anart geal agus marbh-phaisg cha d’ fhuar e; Shaoilte gur saighdear na chadal a bh’ ann, Nuair a phaisg sinn a bhreacan mu’n cuairt da. Bu ghann ’s bu ghoirid ar n-urnuigh gu dearbh, Mu an mhulad a bh’ oirrn bha sinn samhach; Dh’ amhairc sinn dubhach air aghaidh na marbh, Is smuainich gu goirt air a mhaireach. B’e ar smuain a’ cladhach leabaidh an t-suinn ’S sinn a reiteach a chluasag le dorran; Naimhdean ’us coigreich bhi ’falbh os a cheinn Agus sinne fad as air na tonnan. Labhraidh iad faoin mu an spiorad a theich Is a dhuslach fo’n casan bios dighte Ach ’s coma leis sin mu leigeas iad leis Anns an uaimh ’s na chur Breatunnach sint e. Cha d’ rinn sinn obair na mulad air fad ’Nuair thug uairadar rabhaidh gu sgaoileadh; Is chuala sinn fuaim gunna mor ’sa bhad As a robh ar sar namhad ’ga thaomadh. Samhach muladach dh’ amhlaic sinn sonn Air a bhlar mu dheireadh a stiuir e: Cha d’ sgeilb sinn litir air leac aig a cheann Ach, dh’ fhag sinn na aonar le chliu e. Mo Cuibhroinn. Gam’ chumail suas, gach lo, rim’ re, Gun neart, gun treoir, ged tha mi fein, Air slighibh garbh cha tuislich mi; ’S do namh ge garg ’s an streup cha striochd Na fhacal rium thuirt Dia nan Dul— “Am feasd cha’n fhag ’s cha treig mi thu.” Fo’n ualach throm, ged bhith ’s mi strigh, Ri gearan cruaidh, a chaoidh cha bhi, Ri tiota bhig, tha chorraich chruaidh; ’S tha’n sith na thig na deigh bith-bhuan, Ar laithean olc ’s an t-saogh’l ma tha, Do’n ti is mo gheibh aois gur gearr. An gean, ’s an t-saoghal so, bheir dhomh sluagh, Ri caochladh tim ged dh’ fhasas fuar An t-aoibhneas ta ’am chridhe fein Gu saogh’l nan saogh’l, cha chrion ’s cha’n eug, Tha Caraid ann, ’s ged dh’fhaisg mi chri, A dheadh-ghean dhomh cha d’fhuaraich mir. Air seachran anns an fhasaich fhuar, ’Se ghairdean fein a chum ni suas, ’S an deuchainn mhor, ’se chaoimhneas ghaidh; Thug misneach dhomh ’s le neart a radh— “Iehobhah ’se mo chuibhrion fein, ’Nis eiridh mi ’s d’a ionnsuidh theid.” ’Se fein mo ghloir, ’s mo chuid gu brath, Mo charaid caomh, ’s am faigh mi adh, Ca’r son a dh iarrainn gloir an t-saogh’l; A ghreadhnachas, ri tim, no mhaoin? Is math ris fein ’s a Pharas nuadh, Gu’n d’ ullaich e dhomh dachaidh bhuan. Cha’n eagal leam an curaidh, ’m bas, No’n leabaidh fhuar, ’s an gabh mi tamh; An Ti tha ’n gloir aig deas laimh Dhe, Gam’ chumail saor, am aite dh’ eug, ’S gu meal mi leis ga suithinn sith, Gu’n tig an uair ’s an duisg e mi. Seann Laoidh. Gu luath air a sgiathan a’ ghaoth A’ saighdeadh thar aonach nan gleann; Ge dian ceum na lasrach ’s an fhraoch ’N am earraich, suas taobh nam beann, Is fuar-anail chruaidh a’ mhairt A’ sgiursadh na caire deirg, ’S a’ rugadh nan neul gu h-ard Mar imeachd an sgail air an leirg;— Ge siubhlach an long air a’ chuan Roimh fhuadach na doininne gairg’, ’S na sliabh-thuinn a’ toirleum m’a h-earr ’Ga h-iomain le ganraich feirg; Is torman a cranradh trom Geur fhead lom, air uair, ’na beairt, Coiprich m’ a saith (a), ’s i ’n cas ’S a foirne (b) failneach a chion neairt;— Ge luath, air cleitridh chorr a sgath, A dh’ astras righ nan ian an aird, Feadh sailbhe (c) fhas a’ ghorm-choip (d) chein Tha comhdach run (e) nan speuran aill; ’S ge cas a dhoirteas grian a soills A nuas gu lar troi ’n aibheis (f) chian, Is deine, is siubhlaiche, ’s is luaith’ A ruitheas “urnuigh” suas gu Dia. Ged is aird’ os ar ceann an Triath ’Na ’n t-astar ’tha ’ghrian o ’n che (g), Gur luaithe na dealan air fair’ A ruigeas ’n a lath ’r ar n-eigh; ’S ma dh’ iobrar miann a chridhe ceart Is ceart co luath thig neart ’g ar foir, ’S a thaomas tuiltean trom thar eas Air slinnein cas nam beannta mor. Co, mata a bhios ’an cruas, (Mar tha gach aon mhac truaillidh cre) Nach tog ri Dia a ghuidhe ’n aird ’S gur athair tha ro chairdeil E? Esan a thug suas a Mhac Chum peacaich lag a dhion o sgrios, Ciamar bhios “creideach” ann an ag Gu’n cum e aon dad uaithe leis? Cha bhi, cha bhi, bha mheath a ghaol Do ’n aitim sin a roghnuich e, Bheir e dhoibh am feum ’s an t-shaoghal-s’ Bheir saoibhreas pailt ’an saogh’l a’s fhearr; Is daor a dhioladh air an saors’, ’S thug sin a ghnath fo dhaors an gradh-s’ Oir dh’iath e ump’ a chordan gaoil G’ an nasgadh dluth ri ’thaobh gu brath. a “Saith,” no “suigh,” aisinn, no fiodhrach-tarsuinn bata. b “Foirne,” sgioba bata. c “Failbh,” (falamh) an iarmailt, an speur. d “Gorm-chop,” am Beurla blue vault. e “Run,” diomhaireachd. f “Aibheis,” farsuingeachd nan speur no a’ chuain. g “Ce,” an talamh, an saoghal. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m.’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 49] [Vol. 8. No. 7. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 25, 1899. No. 7. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXV. A DOL TARSUINN A CHOMHNAIRD. Gu math moch ’sa’ mhadainn rinn sinn deiseil gu falbh tarsuinn a chomhnaird mhòir a bha anns an àirde a’ deas oirnn. Bha fhios againn nach b’ urrainn duinn seasamh ri teas a’ mheadhain latha o nach biodh fasgadh dubhar na coille againn. Ged a bha am feur gu math àrd, rinn sinn astar math mu’n d’ thug teas an latha oirnn fois a ghabhail. Gu fortanach bha craobh mhor, àrd, le mòran duillich agus mheanglan, ’nar sealladh an uair a bha sinn a’ teannadh ri fàs sgith. Ach chuir sinn romhainn gu’n ruigeamaid i air a h-uile cor ged a bha teas na gréin cho mor ’s gu’n robh eagal oirnn gu ’m bruicheadh e na h-eanachainnean againn. Ged a bha sinn a cur uidhireachd air blàths na side roimhe sid, bha dubhar nan craobh againn mar bu trice, agus is gann gu’n robh faireachadh ceart againn air cho fior theith ’sa bha ’n dùthaich. A bharrachd air so, bha’n duthaich a’ fàs na bu teotha mar a b’fhaide a bha sinn a dol o’n chladach. Anns an àite ud, tha ghaoth o’n ear fad na bliadhna gu leir; agus o’n is ann bhar a’ chuain a tha i seideadh fad na h-ùine, tha i an comhnuidh anabarrach tais, tlàth. Is e so is aobhar gu’m bheil Brasil air aon de na rioghachdan blàtha cho fallainn agus cho torach ’s a tha air an t-saoghal. An uair a rainig sinn a’ chraobh agus a shuidh sinn fo a sgàile, bha sinn glé thaingeil. Bha pathadh gu leor oirnn; ach an uair a dh’ ith sinn rud dhe na measan a chruinnich sinn, dh’ fhalbh am pathadh dhinn. Thuig sinn uile gur e na measan biadh bu fhreagarraiche sam bith oirnn anns an àite theith ud. Agus an aite bhith toigheach air feoil ’s air sithinn, is ann a dh’ fhàs sinn coma dhiubh. Is iomadh latha o’n uair ud a bha mi ’smaointean air a mhathas agus air a’ ghliocas do-rannsachaidh a tha ri fhaicinn ann an obair a’ chruthachaidh, agus a fhreasdail. Tha na siantanan tur eadar-dhealaichte air feadh gach cearn dhe’n t-saoghal; agus tha’n seorsa bidh a tha freagarrach air ullachadh air son gach creutair air feadh gach cearn fa leith dhe ’n t-saoghal. Ach ged a tha so cho fior ’s a tha mise ’ga radh, cha toir daoine geill no creideas dha mar bu choir dhaibh. Ann an dùthchannan teithe, is e measan biadh cho freagarrach air daoine ’s is urrainn daibh fhaotainn. An uair a bha Clann Israeil a’ dol troimh ’n fhasach, dh’ ullaich an Cruithfhear ’na ghliocas biadh dhaibh ann an doigh mhiorbhuillich; ach cha robh iad riaraichte leis. Bha iad a’ smaointean gu’m biodh iad moran na b’ fhearr dheth nam biodh am pailteas de dh’fheoil aca mar a bha aca an uair a bha iad fo dhaorsa anns an Eiphit. Ach faodar a thuigsinn gur e am biadh bu fhreagarraiche dhaibh a’ dol troimh an fhasach a dh’ ulluicheadh air an son. Dh’ fhaodadh tùr nàdair a theagasg dhaibh nach seasadh feòil ùr aon latha dhaibh anns an fhasach, agus nach freagradh feòil shaillte air daoine a bhiodh a’ siubhal troimh fhàsach a bha tioram, teith. Gus so a dhearbhadh dhaibh, thugadh na h-eoin ris an canar, “na gearra-goirt,” le cumhachd Dhe, a dh’ ionnsuidh a’ chaimp. Agus ann an ùine ghoirid thuig iad nach b’e sin an seorsa bidh a b’fhearr a fhreagradh orra; ged a bha iad gu laidir ’ga mhiannachadh. Ged a tha eachdraidh Chloinn Israeil sgriobhte, agus air a leughadh gu math tric ann an iomadh aite ’san t-saoghal, gidheadh is e fior bheagan gliocais a tha daoine ’foghlum uaipe. Agus ged a leugh mise mi-fhein i iomadach uair, cha robh mi le cùram a’ toirt fa near gu ’n robh i cho lan de theagasgan luachmhor ’s a tha i. Ach gu tilleadh thun mo sgeol. An uair a leig sinn ar n-anail gu math, agus a ghabh sinn na thainig ruinn dhe ’n bhiadh a bh’ againn, thog sinn oirnn, agus ghabh sinn air ar n-aghart. Bha cuid mhòr dhe ’n fhearann gle chomhnard, ach ann an àite ’s an àite, bha am fearann monadail gu leor, ged nach b’ urrainnear a radh gu’n robh e beanntachail. Bha eagal oirnn gu’n tachradh fiadh-bheathaichean ruinn; ach cha ruigeamaid a leas. Ged a chunnaic sinn creutairean nach fhaca sinn riamh roimhe, cha do chuir iad dragh sam bith oirnn. Ma bha eagal againne rompasan, bu mhò na sin a bha dh’ eagal acasan romhainne. B’ ann roimh na seangain bu mhò a bha dh’ eagal againn. Bha iad anabarrach mòr. Bha deich no dusan troidh a dh’ àirde anns na dùin a bha iad a’ deanamh. Bha iad a’ deanamh feum mòr anns na fàsaichean ud; oir bha iad ann an ùine ghoirid ag itheadh closnaichean a’ chruidh fhiadhaich a bhiodh daoine sealg gus na seiceannan a thoirt dhiubh. An uair a gheibheadh an luchd-seilge fàth air treud mhòr dhe’n chrodh-fhiadhaich, agus a mharbhadh iad àireamh mhath dhiubh ’s a bheireadh iad dhiubh na seiceannan, thogadh na closaichean aca plàigh anns an àite mur b’e gu’n robh na seangain ’g an itheadh. Cha’n fhàgadh iad feòil no féithe air na cnamhan. Cha’n fhàgadh iad luch no rodan, no creutair beò no marbh eile nach itheadh iad. Dh’ itheadh iad na daoine nam faigheadh iad an cothrom orra. Ach mar a chuala mi anns an sgeulachd, “Tha ’mhuc a’s mugha ’g itheadh na muice a’s lugha, agus tha mhuc a’s lugha deanamh mar a dh’ fhaodadh i.” Ma tha na seangain a’ tighinn beò air creutairean eile, tha creutairean eile ann a tha tighinn beò orra fhein. Tha beathach cho grannda ’sa chunnaic mo shùil riamh a’ cur as do mhòran dhiubh. Tha ceann agus gnos fad’ air. Agus tha ’theanga cho fada ’s gu’n cuir e leith troidh am mach as a bheul i, an uair a bhios e ag itheadh nan seangan. Tha mu cheithir troidhean gu leth a dh’ fhad eadar a ghnos agus bun an earbaill. Tha earball giobach air anns am bheil corr is dà throidh air fad. An uair a dh’ itheas e a leor dhe na seangain caidlidh e ann an àite cho tearainte ’s a gheibh e. Cuiridh e a cheann agus a chasan cho dlùth air a’ chéile ’sa ghabhas deanamh, agus sgaoilidh e ’earball air uachdar a chinn gus e fhein a dhion o theas na greine. Anns an dòigh so caidlidh e fad seachdain. Cha chuir an creutair grannda so dragh no tuairgneadh air neach sam bith. Ma chuirear faragradh sam bith air grad theichidh e. Tha beathach eile ann a tha tighinn beò air na seangain mar an ceudna. Is e “armadillo” an t-ainm a th’ air. Tha ’n com aige mu thri troidhean a dh’ fhad. Tha sligneach chruaidh air o a shròin gu barr an earbaill. Cha dean e coire air duine; ach teichidh e agus falaichidh e e-fhein anns an ùir ann an tiotadh. Tha e anabarrach doirbh a mharbhadh; oir tha’n sligneach cho tiugh ’s cho laidir air ’s nach deanadh buille coire sam bith air. Ach an uair a mharbhar e faodar an fheoil aige itheadh, oir tha i cho fallainn agus cho blasda ri feoil sam bith. Ged a chunnaic sinn na creutairean so cha do chuir iad dragh sam bith oirnn, agus uime sin cha do chuir sinne dragh sam bith orrasan. Mar a thuirt Glag Scain, “An rud nach buin duit na buin da.” (Ri leantuinn.) CUCHULAINN. Am measg fearas-chuideachd us caitheamh-aimsire an t-saoghail gu leir, cha ’n ’eil ann na bheir barr air na sgeulachdan, no a theid ni’s fhaide ann an deagh-ghean a’ chinne-daonna aig ro mheud na speis a chuirear annta. Tha fhios againn gur i an naigheachd is mo am bliadhna a’s lugha an ath-bhliadhna, gidheadh, is ann an diugh fein a tha eachdraidh ’ga dealbhadh, agus is math an toirt-fainear a bha aig ar sinnsirean air a’ chuis. Is iad na sgeoil, na h-uirsgeulan, agus seanachas is bonn-steidh do litreachas duthchasach a h-uile fine. Agus is ann againne a tha an comh-chruinneachadh is mò, de na sgeulachdan is ciataiche dreach agus is boidhche fiamh, a tha aig meur no treubh de phobull sam bith a tha fathast air mhaireann anns an t-saoghail mu ’n iadh a’ ghrian. Ged a bha na ceud chleirich a thainig gus na h-eileanan so leis an leabhar naomh ’nan lamhan, dealasach, durachdach, dian, mar bu choir a’ bhith, as leth an t-soisgeil, thuig iad gu’n robh maise agus maitheas ann an sgeulachdan nan Gaidheal a bu bhuidhe leo ’fhaicinn; gu seachd sonruichte an ard-chliu agus am fialaidheachd, an ceartas agus an uaillse, an onoir bheadarrach agus an treibhdhireas nach lubadh, a bha air an ainmicheadh air na h-armuinn a bu luaidh do na sgeulachdan gu leir. Mar sin, b’iad na cleirich a b’ eachdraichean do’n duthaich mar is trice, agus is ann air sailthaobh nan daoine foghainteach ud a tha na h-uiread meas aig na h-ollamhan Eorpach air fad air ar teangaidh an latha an diugh; oir ge b’e taobh a rachadh na Gaidheil—agus cha robh aite ann air nach tugadh iad aghaidh—dh’ fhagadh iad a ghnath ’nan deigh cuimhneachain orra fein ann an cumadh sgriobhaidh. Tha fathast agus bithidh re uine, dioghluim dhichiollach aig na h-oileanaichean air litricheas Gaidhealach, agus so dhut, a’ leughadair, beagan de bhrigh an saothrach. Tha e coltach gu’n robh Cuchulainn ann fada, fada roimh Fhionn Mac Cumhail, agus b’e “mac dea dechtiri” no mac na ban-dia Dechtire a thugadh [TD 50] [Vol. 8. No. 7. p. 2] air. Re fad a shaoghail tha e fo churam “Lugh Lamfada,” cleas Dhiarmid O’Duibhne, ri linn Oisein, a bha fo churam curaidh d’am b’ainm Aonghas; ach a’ bharrachd air sin, chithear eugas Luigh Lamfada le Dechtire, mathair Chuchulainn, a dh’ innseas di gur e fein (is e sin Lugh fein) a tha ’na mhac di. Cha’n eil ann an so ach creideamh nan Gaidheal o shean, eadhon, gu ’m faodadh curaidh air uairibh a’ bhith air a breith a rithist; agus tha fhios againn gu’m beil faisdine ann fathasd, am measg nan Cuimrich a their, gu’n tig Righ Artur a rithisd. Bheir sin ’nar cuimhne Phoenix agus an doigh-bhreith neonach a bha aice sin. Ann an “Tochmarc Emere,” is e sin, suiridhe Emere, innsear gu’n robh na h-Ultaich deonach bean ’fhaotainn do Chuchulainn agus fios aca gu’m b’e fein a rachadh a’ bhreith, is e sin, gu ’m b’ ann ris fein a mhain a rachadh a leithid eile a dheanamh. Anns an aon sgeul “Tochmarc Emere” cuirear Emer i fein ceistean air Cuchulainn a’ thaobh a bhreith agus ’arach. A’ freagairt do Chuchulainn, cha deanar luaidh idir leis air Sualtach, am fear a shaoilear a b’ athair da, ach sloinnear e e-fein le ardan agus mor-chùis air Lugh Lamfada. Ged a tha cuid de na sgeoil thar a’ cheile agus gu’n deach cuid eile a’ chall, cha’n eil teagamh ann a’ thaobh an ruin. Co-aontaichidh iad uile air a so, nach ’eil roinn sam bith aig an cuid churaidhean no ghaisgeach ann am beatha chumanta dhaoine eile. Tha cumhachd agus buaidhean aca thar cach, agus neart agus spionnadh dhiathan. Cha’n ann gun fhios c’ar son, a chi sin Lugh Lamfada agus Cuchulainn air an tathadh ri ’cheile leis na seanachaidhean ann an iomadh sgeul. Anns an sgeul “Diol cloinn Tuireann” cluinnidh sinn mu’n Lugh cheudna, “Lugh Lamfada loinnbheimionach.” Nithear marcachd leis air steud-each Mhanannain Mac Lir, (eadhon, an dia-mara), a bha cho luath ri gaoith fhuair Earraich, agus bha e air ’eideadh ann an luirich agus clogaid Mhanannain, air doigh agus nach gabhadh e leonadh idir, agus an am do’n Chathbharr (no’n clogaid) tighinn dheth bha ’aghaidh agus aodann cho boillsgeach ris a’ ghrein, latha tioram Samhraidh. Tha e soilleir, as an sgeul so, gur e Lugh Lamfada an dia-greine, oir eiridh e as an aird an ear, a tir Mhanannain (is ainm arsaidh e so air son na mara, agus is ann uaithe a shloinnear an t-eilean ud). “Is brathair do’n diosg an tuairnear,” agus is coltach ri cheile a tha sgeul Luigh Lamfada agus sgeul Chuchulainn; oir innsear dhuinn gu saor, gu ’m b’ ann ’s an fheasgar a thigeadh an an-riochd druidheachd air Cuchulainn, agus gu’n tigeadh e fein a rithisd gu trath an ath latha os comhair mhnathan Eire ’na lan neart agus ’na bhoillsgeadh. An taice ris na h-iomraidhean so, faodaidh sinn fios eile a’ charadh de na dh’ aithriseadh m ’a thimchioll, “gu’n tuiteadh doille air gach mnaoi aig an robh gaol air,” seadh, sgriosar armailtean le aon sealladh de a shuilean agus is comharra sin air cho duilich agus a tha dearcadh direach air a’ ghrein. Tha de gheasaibh air eiridh roimh do’n chamhanaich leathadh air Emain Macha (priomh-bhaile Eire). Ni e marcachd ann an carbad air a tharruing le each dubh agus each glas, samhlaidhean air an oidhche agus air an la. Is e fein a rinn na h-eich iomraiteach so a ghlacadh,—eich a thainig a loch draoidheachd agus a theid ann a rithisd an deigh bas am maighstir. Orra-san siubhlaidh e a’ mhachair ’na dheann, agus leo-san eiridh e a dh’ aon leum thar nam beanntan. Cuiridh iad cuairt air Eirinn tri uairean gun an anail a’ leigeil. Am fear a bhitheadh ughdarras aige air an leithidean so de ainmhidhean cha’n ioghnadh ged a bhitheadh buaidhean ann, d’a reir. Mar sin ruigidh e trein a neirt fada roimh an am abhaistich, agus an uair nach ’eil e ach seachd bliadhna, bheir e buaidh am mach air gach curaidh eile, agus ni e cleasachd agus gaisge mar nach do rinneadh riamh roimhe agus nach deanar a rithisd. Ge beag an laoch, is dreachmhor e, ach an àm bualadh sgeithe agus ri linn tarruing lann, tha e a’ dol am meud iongantach, gailbheach, tha re-chearcall de a cheann, tha an iolaire ag iomluasgadh os a cheann, agus teas cuthachail de a chorp. Uair de na bha ann leaghadh an teas so an sneachd uile a bha mar deich troidhean air fhichead da, agus cha leigeadh an teas le cach tighinn ’na choinneamh. Uair eile, theid a thomadh ann an tri dabhaichean uisge an deigh a’ cheile ma’s gabhadh an teas toirt as agus bha uisge an dabhach deireannaich ro theth airson craicionn dhaoine eile. An deigh an treas tomaidh, thainig rughadh naire maoth, tla air, o mhullach a chinn gu bonn a choise. Saoilear gur e a tha againn an so, a’ ghrian a’ dol fodha agus tighinn am follus a rithisd le boidhchead a chuireas teanga an duine ’na thosd. Bheireamaid fa’near mar an ceudna gur e an striobh a bu mharbhaiche bha riamh aig Cuchulainn, an ionnsuidh a thugadh air leis na seachd mic thar fhichead a bha aig an laoch Calatin; is ann air eiginn a fhuair e buaidh orra idir, agus an deigh an ceannsachadh cha d’ thainig eagal naimhde air a rithisd. Ach rugadh sia mic agus nighean do Chalatin an deigh sgrios chaich, agus chaidh iad so na bhadaibh aig Muirthemne, a’ chaonnag dheireannach a chuir an laoch. Le draoidheachd, dolbh, agus rosachd, rinneadh armailtean agus feachdan leo de fheochadain agus de na bearnan bride, de dhuilleach bhoidheach an daraich agus de na feur-chasan aotrom, luaineach, air achd agus gu ’n do chualas le Cuchulainn, ma b’fhior, am bannalan-conais ’nan sreathan-cogaidh ag eigheach mar gu’m bitheadh iad a’ toirt ionnsuidh air Emain Macha agus iad ag iadhadh mu’n bhaile sin gus a sgrios. Bu diomhain d’a chairdean ’innseadh dha nach robh anns na chunnaic e ach feur agus duilleach. Cha chreid e uapa e. Gidheadh, tha ’fhios so aige, gu’m bheil a bharra-mhanadh am mach air, agus theid e an dail a’ bhais gu neo-sgathach, bras. Tha e soilleir gu leor as a so, gur ionann Cuchulainn agus a’ ghrian; agus nach ’eil ann ach a’ ghrian ach beag air a dubhadh as le domhaileachd nan neul agus dorchadas a’ cheo a tha bagairt a smaladh. Is e fior bhardachd a dhealbh na smaointean a tha fo ar n-aire an drasd, agus is ciatach an samhladh e air an dragh a chuireas nithean suarach air inntinn mhoir. Oir thainig gruaim agus duibhre air anam Cuchulainn ri linn da fiachainn ri togail fo’n cheo, an namhaid air nach beireadh e agus nach d’ fhuair e a’ ghlacadh. Mar sin do’n ghrein, an uair a thig an ceathach agus a sgaoileas e thairis uirre, agus cha ’n eil duine againn nach d’ fhairich dubhachas-inntinn an uair a theirigeas do ’n ghrein agus na neoil ’gar cuairteachadh. An àm cuir a gathan troimh a’ cheo, lasaidh a’ ghrian dearg agus mar sin fein do Chuichulainn. An àm catha cha’n aithnich a chairdean e. Tha aon sealladh de a shuil ’na bhas do na ceudan; cinnidh e ’na fhamhair aibhseach, iongantach, gach feith ’na chorp air chrith le feirg. Tha a luirgnean as an alt, gabhaidh a ghluintean gu a chulthaobh, agus thig a mhasan air a bheulthaobh. Tha cuimhne againn uile, gu’n robh tri chinn agus tri chuirp ri am faicinn air Caoilte, fear de’n Fheinn, an uair a bhitheadh e ’na lan luathas, agus tha a choltas air a chainnt gur sean doigh Ghaidhealach i airson cabhag iongantach a chuir an ceill. Ach is ann do Chuchulainn amhain a bhuineadh an t-atadh mor sin air an do rinn mi luaidh; bhitheadh e ann-san, ’fhad agus a bhitheadh gruaim nam blar air, agus b’e “riastradh,” sean bhrathair airson “atadh,” a bha aig na baird air. Air an laimh eile, am feadh agus nach ’eil dad a togail fo chridhe an laoich, cha ’n eil ann ach “duine beag, loinnreach,” agus iadsan do nach aithne e ni iad tarcuis agus gamhlas air. Comharra e so air a ghrian a’ snamh na h-aonar anns na speuran, agus gun innte ach ni gle bheag agus suarach ri sealltuinn air; ach is mor, mor a tha eadar sin agus mar a bhitheas i an àm eiridh anns a’ chamhanaich no an àm dol fodha anns a’ mhuir. Ged nach ’eil moran de na sean orain Ghaidhealach air an aon sgeul mu Chuchulainn, no mu ghaisgeach sam bith eile air an dean iad innseadh, cha ghabh teagamh a’ chuir anns a’ chuid so de’n ghnothuch, eadhon gur i a’ ghrian no sean dia-greine Ceilteach a tha ri faicinn ann-san. Agus bitheadh gu’n deach an sgeul troimh a’ cheile a reir iolaras inntinnean nam bard leis an do dhealbhadh na dain mhordha no na h-eachdraidhean anns am faighear sgeul Chuchulainn, their iad uile gur flath e, fialaidh, beusach, mor-inntinneach, gur bearn ’na onoir, gun foill ’na chridhe. Bitheadh gu ’n dean e caonnag gu bas le a shean charaid Ferdia, is ann le draoidheachd Meadhbh, ban-righinn chumhachdach Connacht, a theid an gniomh a’ chur mar fhiachaibh air. Mairidh an tuasaid tri laithean, agus an ceann gach latha, cuiridh na h-armuinn an cuid airm bhuapa, agus theid iad ann an guaillean a’ cheile, cuiridh an dara fear a ghairdeanan mu mhuineal an fhir eile, agus bheir e tri pogan da. Agus an deigh do Chuchulainn Ferdia a’ mharbhadh, caoinidh e thar tomhas e, gun a bhith ’ga iarraidh gu’n eireadh a chliu ’na bhas; agus tha anam Fherdia a cheart cho mor-inbheaeh ri anam Chuchulainn, oir tha a ghuidh leis, ged is ann leis a chaidh a chur a’ dhith. Gu deachdta, cha’n fhaodar naimhdean a’ thoirt orra, o chionn a liuthad ceartas agus cothrom gan toirt dha cheile aca. Mar sin agus do an ceachdaire chaidh chuir a dh’ ionnsuidh Chuchulainn an uair a bha ar laoch ’na luidhe tinn anns an Luchairt Bhric, agus a naimhdean, na h-Ultaich ’nan sgothan taobh am muigh na Luchairt. An uair a shirear a ghno air an teachdaire, bheirear am freagairt so leis; “Nam bu slan da-san a tha ’na luidh an so gu tinn, rachadh e ’na urras orm an aghaidh na dh’ eireadh de Ultaich; tha e nis fo chion comais, ach coma, is ann mar sin fein, is mò gu mor is didean dhomhsa e. Is ionann sin agus a radh nach gabhadh a naimhdean brath air galar Chuchulainn gu foirneart a’ dheanamh air a charaid aige, ach an aite sin gu’n robh a thinneas ’na bhrosnachadh dhaibh gu barrachd gean agus suairceas a’ nochdadh do’n teachdaire na dheanadh iad ’s Cuchulainn ’na slainte. Ma’s iad na Samhanaich no na Paganaich a tha againn an so, mo chion oirra! Is uaisle agus is fialaidhe iad ’na iomadh fear a tha mor agus uallach a sochairean an naodhamh linn deug, agus leis nach dana a radh gur ann o a shinnsirean da. Bha firinn agus facal ann eadar Cuchulainn agus a ghuailleachan Conall Cernach, (i. e. “Buadhmhor”) am fear a thuiteadh an toiseach gu’n toireadh am fear eile dioghaltas am mach air a shon. Chithear le Conall Cernach each Cuchulainn ’na aonar, fuil agus feoil agus feithean air dol thairis air ach gu’n robh cnamhan slan aige, agus bu chomharra e sin do Chonall gu ’n robh a ghuailleachan [TD 51] [Vol. 8. No. 7. p. 3] Cuchulainn air slighe na firinne. Le cheile, shirear corp Chuchulann agus an uair a gheibhear e, sinear air lorg nan cas-cheuman a chithear timchioll. Rainigear Lugaid, am fear a mharbh e; agus sin, laimh ris ceann nan ciabhag buidhe, ceann Chuchulainn. Cuirear a’ chath, ach iarrar air Conall Cernach le Lugaid, firinn dhaoine, is e sin, chothrom na Feinne a’ thoirt da. Oir tha Lugaid air leth-laimh. Ceanglaichear lamh Chonaill Chernaich r’a thaobh, agus leanar rompa. Ach mur b’e each Chonaill cha bhitheadh buaidh air fear seach fir dhiubh. Chunnaic an t-each gu’n robh a mhaighstir air anacothrom, agus shath e ’fhiaclan ann an sliasaid Lugaid. “Is mairg mar a thachair dhomh,” ars esan, “Cha’n e sin firinn dhaoine, a Chonaill,” ga aghart air gu’n do rinn e feall air. “Cha tug mi dhut e, ach a mhain as mo leth fein,” arsa Conall, “chan ann as leth ainmhidh neo-chialaich.” “Tha fhios again a nis,” fhreagair Lugaid, “nach falbh thu gus an toir thu mo cheann bhuam mar a thug sinne a cheann o Cuchulainn. Thoir leat mo cheannsa, uime sin, agus cuir mo rioghachdsa ri do rioghachd agus mo ghaisge-sa ri do ghaisge. Oir b’ fhearr leam gu’m bu tu an gaisgeach a bu treine bhitheadh an Eirinn.” Sgathar bhuaithe an ceann, agus diolar Cuchulainn. Nach boidheach an samhladh e so air glainead-inntinn agus ionracas-cridhe ar sinnsir! Cha leaghadh a’ choir ’nam bial-sanl Bu bhuidhe leo ceartas seach na bha de sheudan air ur-uachdar an t-saoghail. Mairidh cliu an deigh bais, agus b’e sin a bha air suilean aca. Cha b’fhiach le Conaill cothrom a’ ghabhail air a namhaid, agus cha’n eil fearg no tnuth an cridhe Lughaid ’na aghaidh, chionn gur ann le Conall a thuiteas e. CONAN. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. VIII. An uair a bha na cuisean a dh’ ainmicheadh mar tha a’ dol air adhart ann an luchairt Righ nan Eileanan, bha nithean gle choltach riutha a’ dol air aghart ann an luchairt Righ Shina. Thug na fathaich leotha nighean Righ Shina air ais, mar a dh’ aithn Maimoun dhaibh, agus chuir iad ’na laidhe i air an leabaidh as an d’ thug iad i. Agus an uair a dhuisg i anns a’ mhadainn, sheall i air gach taobh dhi, agus an uair a chunnaic i nach robh Phrionns’ Alsaman ri ’taobh, ghlaodh i cho ard ’s gu ’n d’ thainig na mnathan-coimhideachd far an robh i anns a’ mhionaid. B’e ’cheud te dhiubh a thainig, a’ bhanaltrum a bha frithealadh dhi riamh o rugadh i, agus dh’ fheoraich i dhith, an e tinneas, no trioblaid sam bith eile a bha ’cur dragh’ oirre. “Innis dhomh,” ars’ a’ bhana-phrionnsa, “ciod a dh’ eirich do’n duine og a chuir an oidhche seachad ’na laidhe anns an leabaidh so. Ghabh mise gaol mo chridhe air.” “A bhaintighearna, cha’n urrainn sinn a thuigsinn ciod a tha sibh a’ ciallachadh, mur e bhur toil a’ chuis a shoilleireachadh na ’s fhearr dhuinn,” ars’ a’ bhanaltrum. “Bha duine og cho dreachar ’s a chunnaic suil riamh ’na laidhe ri m’ thaobh an raoir, agus a dh’ aindeoin na rinn mi de chrathadh ’s de chniodachadh air, dhu-dh’-fhairtlich orm a dhusgadh. Innis dhomh c’aite am bheil e?” “A bhaintighearna, is ann gu spors a dheanamh oirnn a tha sibh a’ cur nan ceisdean sin oirnn. Is fhearr dhuibh eirigh,” ars’ a’ bhanaltrum. “Is ann a tha mi da rireadh; agus feumaidh mi fios fhaotainn anns a’ mhionaid c’aite am bheil an duine og.” “A bhaintighearna,” ars’ a’ bhanaltrum, “chaidh thu laidhe ’nad onar an raoir; agus cha ’n urrainn dhomhsa thuigsinn cia mar a b’urrainn duine sam bith faotainn a steach do ’n t-seomar gun fhios dhuinne. Bha sinn uile ’nar laidhe fad na h-oidhche aig dorus an t-seomar; bha ’n dorus glaiste, agus bha ’n iuchair ’nam phocaid.” An uair a chual’ a’ bhana-phrionnsa na briathran so, chaill i a foighidinn buileach glan. Rug i air ghruaig air a’ bhanaltruim, agus sgrob is dhorn i i gu math ’s gu ro mhath, agus thuirt i, “A sheana bhana-bhuistreach, mur grad innis thu dhomhsa c’aite am bheil an duine og, cuiridh mi an t-eanachain asad.” A dh’ olc no dh’ eiginn gu’n d’ fhuair a’ bhanaltrum, chaidh aice mu dheireadh air i fhein a thoirt as; agus ghrad chaidh i direach mar a bha i, le a falt slaodadh rithe, agus a’ fuil ’g a dalladh, far an robh a’ bhanrigh. An uair a chunnaic a’ bhanrigh an sealladh anns an robh i, ghabh i uamhas gu leor, agus dh’ fheoraich i dhi co rinn an droch dhiol oirre. “A bhaintighearna,” ars’ a’ bhanaltrum, “tha sibh a’ faicinn an droch dhiol a rinn bhur nighean fhein orm. Cha ’n ’eil teagamh nach robh i air mo mhort, mur b’e gu’n d’fhuair mi gu fortanach teicheadh as a lamhan.” An sin dh’ innis i a h-uile car mar a thubhairt s’a rinn a’ bhana-phrionnsa. An uair a chuala ’bhan-righ mar a bha, ghabh i ioghnadh anabarrach. Cha b’ urrainn d’ i a thuigsinn cia mar a bha a h-ighean cho mor air seacharan ’na h-inntinn ’s gu’n saoileadh i nach e bruadar a chunnaic i. “Faodaidh sibh a bhith lan-chinnteach gu’m bheil bhur nighean air a dhol as a rian; ach mur ’eil sibh ’g am chreidsinn-sa, is ann is fhearr dhuibh a dhol far am bheil i, agus an sin creididh sibh e,” ars’ a’ bhanaltrum. Marabha nadarrh gu leor, bha gradh mor aig a bhan-righ d’a h-ighinn, agus gu’n dail sam bith chaidh i fhein agus a’ bhanaltrum far an robh i. An uair a rainig i, shuidh i aig taobh na leapadh, agus an uair a dh’ fheoraich i cia mar a bha i, dh’ fhaighneachd i dhith, c’ar son a bha fearg oirre ris a’ bhalaltrum, agus a thug i droch laimhseachadh dhi. “Cha robh e ceart dhut a leithid a dheanamh; cha bu choir do bhana-phrionnsa mar a tha thusa leigeadh le a droch nadar lamh-an-uachdar fhaotainn oirre,” ars’ a’ bhanrigh. “A bhaintighearna,” ars’ a bhana-phrionnsa ri ’mathair, “tha mi ’faicinn gu soilleir, gur ann gus cuis-mhagaidh a dheanamh dhiom a thainig sibh an so. Ach tha mise ag innseadh dhuibh gu saor, soilleir, nach leig mi fois no tamh dhuibh gus an aontaich sibh gu’m posar mi ris an duine og a bha ’na laidhe ’s an leabaidh so an raoir. Feumaidh gu’m bheil fhios agaibh far am bheil e, agus air an aobhar sin, tha mi ’guidhe oirbh, gu’n leig sibh leis tighinn a steach g’ am fhaicinn an so.” “Tha mo chainnt a’ cur moran ioghnaidh orm, a nighean,” ars’ a’ bhan-righ; “cha ’n aithne dhomh dad mu dheidhinn an duin’ oig air am bheil thu ’bruidhinn.” An uair a chual a’ bhana-phrionnsa so, dh’ fhas i suarach mu ’m mathair, agus thuirt i, “Sharaich sibh fein agus m’ athair mi ag iarraidh orm posadh an uair nach robh toil sam bith agam posadh. Ach tha toil agam posadh a nis, agus cha ghabh mi fear sam bith ach an duine og air an robh mi bruidhinn. Mur leig sibh leam a phosadh. cuiridh mi lamh ’nam bheatha fhein.” An uair a chual’ a bhanrigh so, dh’ fheuch i ri sith a chur air a h-ighinn le comhairlean ’s le reusanachadh ciuin, siobhalta. Ach an aite eisdeachd le urram agus le foighidin ris na briathran a bha ’mathair ag radh rithe, is ann a thug i freagairtean gun tur agus mi-iomchuidh oirre. Agus mu dheireadh, an nuair a chunnaic am mathair nach robh rathad aice air tur no reusan a chur innte, dh’ fhalbh i, agus dh’ innis i do’n righ a h-uile car mar a bha. An uair a chual’ an righ mar a bha, chuir e roimhe gu’n rachadh e gu’n dail far an robh a nighean. Agus an uair a chaidh e do ’n t-seomar anns an robh i, dh’ fheoraich e dhith, an robh firinn anns na chual’ e mu ’deidhinn. “Le ’r cead, a righ,” ars’ ise, “na biodh an corr bruidhne eadrainn mu’n chuis; cha’n ’eil mi ag iarraidh a dh’ fhabhar oirbh ach gu ’n toir sibh dhomh cead an duine og a bha ’na laidhe ’s an leabaidh comhladh rium an raoir a phosadh,” “Ciod e tha thu ’g radh, a nighean!” ars’ an righ, “an robh fear sam bith na laidhe comhladh riut an raoir?” Mu’n d’ fhuair a h-athair uine air a’ chorr a radh rithe, thuirt i ris. “C’ar son a tha sibh a’ feorach dhiom an robh neach sam bith ’na laidhe comhladh rium an raoir? Is math a tha fhios agaibh gu’n robh. Is e duine cho fior dhreachar ’s a chunnaic grian riamh. Tha toil agam a phosadh; agus tha mi guidhe oirbh gu’m faigh sibh dhomh e ri phosadh gun dail sam bith. Ach air eagal nach lan chreid sibh gu’n robh an duine og air am bheil mi ag iomradh, ’na laidhe anns an leabaidh comhladh rium, seallaibh, ma ’s e bhur toil e, air an fhainne so. Bha mi ’ga chrathadh ’s ’g a chniodachadh cho math ’s a b’ urrainn domh feuch an duisginn e; ach dh’ fhairtlich orm a dhusgadh.” An uair a thuirt i so, sheall i am fainne a bh’ air a meoir a dh’a h-athair. Cha robh fhios aig a h-athair ciod a theireadh no deanadh e. Ach o’n a bha e roimhe sid a’ smaointean gu’n robh i air a dhol beagan as a rian, bha e nis a smaointean gu’n robh i air a dhol as a rian buileach glan. Air an aobhar sin, cha dubhairt e an corr rithe. Ghrad thug e fa near a cur ann an geamhail air eagal gu’n deanadh i cron oirre fhein, no air daoine eile. Bha ’bhanaltrum gus a bhith frithealadh dhi, agus bha aireamh dhe na seirbhisich gu bhith gleidheadh an doruis a latha ’s a dh’ oidhche. Bha’n righ gu mor fo bhron ’s fo lionn-dubh air son mar a thachair dh’ a nighinn, agus chuir e roimhe gu’n deanadh e gach ni a ghabhadh deanamh a chum a ciall ’s a tur fhaotainn dhi. Chuir e fios air an luchd-comhairle, agus dh’innis e dhaibh a h-uile car mar a dh’ eirich do ’n nighinn aige, agus thuirt e, “Ma theid aig a h-aon sam bith dhibh air mo nighean a leigheas, gheibh e i ri posadh, agus bidh e ’na righ an deigh mo bhais-sa.” Am measg an luchd-comhairle bha aon fhear ris an do thaitinn an tairgse so anabarrach math. Ged a bha e air tighinn gu greis aoise, bu ghle thoigh leis bana-phrionnsa og, mhaiseach fhaotainn ri ’posadh, agus a bhith na righ air rioghachd mhor chumhachdach Shina. O’n a bha e ’na duine aig an robh moran fiosrachaidh mu dheidhinn draoidheachd, thuirt e ris an righ gu’n gabhadh e os laimh a nighean a leigheas, agus gu’n robh dochas laidir aige gu’n rachadh an gnothach gu math leis. “Tha mise toileach gu leor,” ars’ an righ; “ach dhichuimhnich mi aon ni innseadh dhut, agus is e sin, gu’n cuirear an ceann dhiot, mur teid agad air mo nighean a leigheas. Cha bhiodh e reusanta gu’m faigheadh tusa no duine sam bith eile a leithid so de dhuais mhoir gun a dhol troimh chunnart sam bith. Agus na cumhnantan a tha mi ’cur fa do chomhair-sa, tha mi ’g an cur fa chomhair gach aoin eile a thig ’na d’ dheigh, a chum gu’n smaoinich iad roimh laimh air a’ chunnart a tha iad a’ ruith.” (Ri leantuinn.) [TD 52] [Vol. 8. No. 7. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. SIDNI, C. B., OGUST 25, 1899. AIMHREIT AN T-SAOGHAIL. Is e mearachd mhuladach, mata, ’rinn Gladstone, ’n uair a thug e fein-riaghladh do na Boeirich, anns an Transbhaal, ged bha onoir an fheachd Bhreatunnaich anns an duslach, agus ged nach d’ fhuair ceannardan agus saighdearan Bhreatunn comas no cothrom air an cliu ’s an ainm aosmhor, gasda anns an stri, ’fhaotainn air an ais. Aidichidh duine air bith aig am bheil eolas air farsuingeachd nan tirean air am bheil sealbh aig Breatunn, gur e saothair chruaidh, dhuilich, iomaguineach a tha daonnan aig luchd-riaghlaidh Bhreatuinn r’a dheanamh. Tha feum aca gach latha air gliocas anabarrach; air foighidinn nach ’eil gann no faoin; agus air duinealas treun, airson ceartas ’us sith ’us soirbheachadh a chosnadh, a dheanamh, agus a chumail suas. Tha, gu fortanach, luchd-riaghlaidh Bhreatunn de ’n aon bheachd a nis, gu feum iad daonnan, ann an doigh agus le beachdan a tha co-ionnan, cuisean na rioghachd a reiteachadh agus a threorachadh, thall ’s a bhos, ann an Asia, ann an Africa, agus ann an America. Airson fineachan leth-fhiadhaich a thogail bho inbhe iosal, bhochd, gu inbhe ’s fearr agus a’s airde; airson daoine truagha, gun eolas, gun tearuinteachd, gun comhfhurtachd, a thabhairt bho staid bhronach, eu-ceilidh, gu seasamh calla, ciuin, fabharach anns an t-saoghal, is ann do Bhreatunn a bhuineas an t-aite ’s modha ’s a’s measaile. Thig e mar so do luchd-riaghlaidh Bhreatuinn a bhi daonnan eudmhor as leth na saorsa, an ionracais agus a cheartais, agus a bhi ullamh gach latha ’dhion le faobhar a’ chlaidheimh (mur dean comhairlean eile maith no stath) aobhar ’us neart na saorsa ’s a’ cheartais agus na seirce. Ma thionndas Breatunn gu comhairlean gealtach, truagha, mar a rinn Gladstone anns an Transbhaal, is e amaideachd a ni i, ’s is fhearr dhi a h-inbhe ard, urramach a threigsinn; oir gu brath an t-saoghail cha choimhlion i an obair mhor, mhaith ’us chliuiteach a tha aice r’a dheanamh, le bhi gealtach, no le bhi air caochladh comhairle gach uair a gheibh luchd-riaghlaidh ur ughdarras anns an rioghachd. Bu mhaith a bhitheadh cor ’us suidheachadh an Transbhaail nan do leig Gladstone do nithean anns an tir so fantainn mar bha iad, agus nan do leig e do Bhreatunn fein lamh an uachdair a bhi aice ann an cuisean na duthcha so ’riaghladh agus a chumail ann an ordugh ceart, seasmhach, daingean, onorach, agus measail. Cha bhitheadh cothrom mar so, aig an amadan bhochd, fheineil, Crugair, agus a Bhoereich, air gach othail ’us upraid ’us aingidheachd a tha iad a cur an gniomh, a nochdadh no ’fhadadh suas. Is e duine smachdail, tapaidh, comasach a tha ann am Maighstir Chamberlain. Cha bhitheadh iongantas air MAC-TALLA ’s orm fein ged bhitheadh an duine tuigseach, comasach so aig ceann luchd-riaghlaidh Bhreatuinn mun tig crioch air a chuairt thalmhaidh. Rinn luchd-riaghlaidh Bhreatuinn a nis suas an inntinn gur ann doibhsan da-rireadh, agus do ’n Bhan-righ, a bhuineas ard-uachdaranachd an Transbhaail; agus mar toilich Crugair agus a Bhoereich saorsa ’s ceartas a thabhairt do na daoine treubhach, dichiollach a tha ’tuineachadh ann an Iohannesburgh agus anns a’ choimhearsnachd, agus a tha ’cladhach an oir, agus a’ cur suas beartas na duthcha, thig crioch obann air gach reusanachadh leis. Cuiridh an t-arm dearg crioch ann an uine ghearr air ughdarras fein agus a’ Bhoeirich, le ’m beachdan paisdeil, cumhann, truagha. Theid an ughdarras bun os cionn, agus dealraichidh latha grianach air a chuibhrionn so de Africa, do bhrigh nach ’eil Crugair agus a luchd-comhairle tuille ’cumail na duthcha air a h-ais, agus a’ cumail bho iomadh duine tuigseach na coirean air am bheil meas aige, agus is abhaist do Bhreatunn a bhuileachadh gu toileach agus gu firinneach air gach duine dubh ’us geal ’us odhar, aig am bheil ciall ’us eolas, air feadh gach roinn ’us tir air am bheil sealbh aice. Ma dh’ fheumas i an lann a tharruing, thig bho Innsean na h-airde ’n ear deich no fichead mile saighdear, no gach saighdear air am bi feum aice, airson an Transbhaal a thabhairt gu brath as lamhan Chrugair agus a Bhoereich. Ged a b’e traillean a bhitheadh ann am moran de shluagh gasda Iohannesburg, agus a choimhearsnachd, cha bhitheadh iad a’ fulang barrachd spid ’us tair ’us amhghair na tha iad a’ fulang aig an am so. Tha Australia ’s Canada mar an ceudna, ’togail an guth gu duineil, cairdeil as leth nan daoine truagha nach ’eil a’ faotainn ceartais air bith bho Chrugair; ’us tha iad a gealltuinn gu cuir iad saighdearan gaisgeil, ma bhitheas cogadh ann, a bheir comhnadh do fheachd Bhreatuinn ann an atharrachadh riaghlaidh a chur air ’chois anns an Transbhaal. Tha ceanglaichean laidir graidh a nasgadh gach tir air am bheil suaicheantas Bhreatuinn a’ crathadh anns an t-soirbheas. Tha na ceanglaichean so ’fas gach latha ni ’s dluithe ’s ni ’s blaithe; ’s mar so tha cumhachd Bhreatuinn a’ cinntinn ni ’s dreachmhoire, ni ’s treise, ’s ni ’s meamnaiche. Cheannaich bho cheann ghoirid Breatunn oighreachd fharsuing, bheartach, ann an airde ’n iar Africa, bho Chuideachd na h-Aimhne Niger. Aig ceann na Cuideachd so bha, re fichead bliadhna, an Ridir Seoras Goldie,—duine tuigseach, comasach, onorach, a choisinn oighreachd fhiachail; oir bha e daonnan glic agus aghartach as leth na Cuideachd air an d’ rinn mi iomradh, agus mar so as leth rioghachd Bhreatuinn gu h-iomlan. Shoirbhich leis gu ro-mhaith anns gach oidheirp a b’ eigin da ’dheanamh airson cuilbheartan nam Frangach agus nam Gearmailteach a bhacadh agus a chur sios. Aig am air bith an uair a tha feum sonruichte aig Breatunn air duine glic, treun, foghainteach airson obair chudthromach a dheanamh ann an tirean cein, agus am measg fineachan a tha fathast borb ’us luasganach, cha ’n ’eil e duilich an duine ceart, comasach ’fhaotainn. Tha Goldie airidh air cliu ’s moladh sonruichte, ’s tha Breatunn taingeil da. Thug luchd-riaghlaidh Bhreatunn faisg air ceithir gu leth muillion dollar do Chuideachd na h-Aimhne Niger, airson gach fearann ’us corach eile ’bha aca ann an Africa. Tha oighreachd ghasda ’s bheartach ur aig Breatunn a nis; agus gun teagamh cuiridh i gu buil mhaith duthaich fharsuing na h-Aimhne Niger. CONA. Cha tric leinn aithreachas a bhi oirnn air son gu’n d’ fhuirich sinn ’n ar tosd, ach is minic a’ ghabh sinn aithreachas a chionn nach do chum sinn ar teangadh. Air an t-seachdain s’a chaidh, dh’ aithris sinn sgeul a bha dol mu’n cuairt ag radh gu robh Alasdair Domhnullach “righ a Chlondaic,” air bristeadh. Tha e air innse ’nise nach robh facal fhirinn anns an sgeul, agus gu bheil e cho comasach air a chuid fhiachan a phaigheadh ’sa bha e latha riamh. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. [TD 53] [Vol. 8. No. 7. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Morair Minto agus a bhain-tighearna ann an Nobha Scotia air an t-seachdain so. Rainig iad baile Halifacs Di-mairt. Chaidh fear Alasdair Peutan a mharbhadh anns a Mheinn a Tuath Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh le torr guail a thuit air ’nuair a bha e aig obair. Bha e da fhichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus dh’ fhag e bean us triuir chloinne. Dh’fhalbh aireamh do dhaoin oga air an t-seachdain s’a chaidh air an turus dh’ionnsuidh na buana ann am Manitoba ’s anns an Iar Thuath. Bha mu dheich mile buanaiche a dhith orra anns na roinnean sin; tha am barr anabarrach math. Bha am faradh gle iseal. Thatar an deigh toiseachadh air togail na drochaid a tha gu bhi air a cur tarsuinn Muggah’s Creek. Tha i gu bhi sia ceud deug troigh a dh’ fhad, fichead troigh air leud, agus coig troighean deug os ceann an uisge. Chaidh toiseachadh mar an ceudna air an laimhrig uir a tha cuideachd an iaruinn a togail; tha i mu leth-cheud slat a deas air laimhrig a ghuail, agus bidh i da cheud deug troigh a dh’fhad, agus fichead troigh a dh’airde os ceann an uisge. Bidh cunntas air a chur gu aireamh de luchd-gabhail MHIC-TALLA an uine ghoirid, agus tha dochas againn gu ’n dean gach aon a gheibh cunntas, an t-suim a tha air iarraidh a phaigheadh gun dail. Chaidh a phostage a dhublachadh air na paipearan naigheachd toiseach Iulaidh, agus tha sin a deanamh cur-a-mach MHIC-TALLA cuide ris gach ni eile, ’na ghnothuch tuilleadh us cosgail gu bhi ’ga chur gu luchd-gabhail a tha fad air deireadh ann am paigheadh. Thainig Innseanach a mhuinntir Hogamah gu Sidni Tuath an la roimhe agus chuir e cuairt air na taighean oil ag iarraidh deoch laidir. Fhuair e sin an deigh beagan siubhail a dheanamh, agus cho luath ’sa fhuair, chaidh e gu fear-ceartais, agus chuir e an t-òsdair ’san lagh. Tha cain throm, ceithir cheud dolair, air neach sam bith a reiceas deoch laidir ri Innseanach, agus ma theid am fear so fhaotainn ciontach, bheir e leasan do luchd-reic stuth laidir anns an da bhaile so nach misd’ iad idir. Tha cuirt na suidhe o chionn faisg air da seachdain a feuchainn ri pris cheart a chur air an fhearann air am bheil cuideachd an iarrainn a cur nan obrachean, agus a tha ’m baile ceannach dhaibh. Tha sin gu math doirbh a dheanamh; tha iadsan aig am bheil am fearann ag iarraidh pris mhor air, pris nach eil am bhaile deonach a phaigheadh. ’S iad buil na curtach:—D. A. Hearn, os leth a bhaile; Uisdean Ros os leth luchd an fhearainn; agus Mr. Ritchie, a bha air ainmeachadh leis an ard-bhreitheamh, a reir giulain an lagha leis am bheil a chuirt air a suidheachadh. O’n a chaidh so a sgriobhadh chuir a chuirt crioch air an obair. Mheasadh fiach an fhearann gu h-iomlan aig $83,776,00 agus tha sin air a roinn air tri fichead us naodh pios fearainn ann an suimeannan a tha ruith o $25.00 gu $8500.00. Bha pic-nic agus cluichean Gaidhealach ann a Hogamah Di-mairt s’a chaidh, agus chaidh mu cheud duine suas air a “Mharion” a Sidni ’s a Sidni Tuath. Bha an latha gu math fabharrach, agus bha cruinneachadh math aca. Chaidh an tigh aig Domhnull Johnston, ann an Catalone, a losgadh gu lar oidhche Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair an teine air adhart cho fada mu’n d’ thugadh an aire dha ’s nach robh e comasach ni dhe na bha stigh a shabhaladh. Cha robh de dh’ aigead-urrais air ach suim bheag. Cha’n eil samhradh a’ dol seachad gun aireamh mhor a bhi air am bathadh air cladaichean nan roinnean iseael. Tha chuid mhor dhiubh sin air an call a chionn nach eil iad comasach air snamh, ni a tha nochdadh cho feumail ’sa tha e gu’m biodh gach neach òg ag ionnsachadh snaimh. Chaidh aireamh mhor a bhathadh air an t-samhradh so fhéin. Tha cas Dhreyfuis a dol air adhart fhathast, agus tha a chuid mhor de na fianuisean gu math làidir air a thaobh. Tha e gle choltach gu’m bi e air a shaoradh, ach cha’n urrainnear a bhith cinnteach a sin fhathast. Tha Maitre Labori, am fear-lagha aig Dreyfus a bha air a thilgeadh, air a dhol am feobhas, agus tha e nise comasach air a bhi frithealadh na cùrtach. Cha robh an lot a fhuair e cho dona ’sa bhatar am beachd an toiseach. Thatar ag obair gu trang a’ deanamh deiseil larach na h-obair-iaruinn; tha mu sheachd ceud duine aig an obair, agus tha i air a cumail air adhart a latha ’sa dh’ oidhche. Tha na bataichean-aiseig a fagail Shidni us Shidni Tuath luchdaichte le luchd-obrach gach maduinn us feasgar. Thainig Mr. Whitney agus aireamh eile de luchd-riaghlaidh na h-obrach a nuas air an t-seachdain so a dh’ amharc thairis air na thatar a deanamh. Tha na h-Innseanaich ann an Gleann Yaqui, air criochan Mhecsico, ri ar-a-mach fhathast; tha iad a’ cur rompa na chaidh a thoirt uapa dhe ’n cuid fearainn a chosnadh air ais, agus gach duine geal a tha chomhnuidh air an fhearann sin a mharbhadh. Tha aireamh de mheinnean airgeid ’gan obrachadh anns an àite, agus tha na h-Innseanaich an deigh an luchd-obrach a mharbhadh. Cha ’n ’eil iad gle lionmhor, ged a tha iad lan uidheamaichte air son cogaidh, agus cha ’n eil teagamh nach toirear fo chis iad an ùine gle ghoirid. Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, bha teine ann am Port Morien leis an deachaidh sabhal agus stor le Uilleam Giovanetti agus sabhal le fear Leslie a losgadh. Thoisich an teine, mu mheadhon oidhche, ann an sabhal Giovanetti, agus ghabh an stor ’san sabhal eile uaithe sin. Ghabh an tigh aig Iain Mac Amhlaidh, (an gobha) cuideachd, ach fhuaireadh a chur as. Bha ceithir cheud de dh’ airgead-urrais air sabhal Givanetti, agus ochd ceud air an stor; bha tri cheud dolair air sabhal Leslie, a bha air ur-thogail. Bha stoc bathair a b’ fhiach ceithir mile dolair aig F. A. Crowell anns an stor, agus mu dha mhile dolair de dh’ airgead urrais air. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 54] [Vol. 8. No. 7. p. 6] AINMHIDHEAN. Tha na sochairean sin gun àireamh a ta air am buileachadh air an duine leis gach beathach agus ainmhidh a tha teachd beo mu’n cuairt da. Tha ainmhidhean na macharach, a’ chuain, agus an adhair, air an dealbhadh le Dia chum maith do’n duine; agus tha na beannachdan agus na sochairean eugsamhla a tha iad a’ co’-pairteachadh ris an duine co lionmhor ’s nach ’eil e comasach ach fior bheagan diubh a thoirt fa’near. Tha gach uile chreutair air a chruthachadh, cha’n e mhain freagarrach air son na staide sin anns an do shònraicheadh e leis an Fhreasdal sin a ta os ceann nan uile nithe, ach tha e air chruthachadh mar an ceudna chum maith soilleir agus sonraichte do’n duine. A thaobh morain de na creutairibh a tha air uachdar na talmhainn, cha’n ’eil e furasd a dheanamh a mach ciod am feum a ta air a shonrachadh leo, ach an deigh sin, tha iad gun teagamh chum feum araidh eigin, oir cha do chruthaicheadh ni sam bith gu diomhain leis-san, tha gu neochriochnuichte glic. Is iad na beathaichean a tha ’solaireadh air ar son nan nithe a’s cudthromaiche a thaobh ar lion agus ar sgeudachadh, agus a thaobh gach cuideachaidh eile a tha dhith oirre anns an t-saoghal so. Tha iad air mhile seol a’ solaireadh chum ar maith, agus tha iad ag oibreachadh le cheile air mhodh miorbhuileach chum ar leas. Tha e soilleir do na h-uile gu’m bheil iad a’ lughdachadh ar soithreach anns a’ bhaile agus anns a’ mhachair—a’ giulan ar n-uallaichean troma—a’ tarruing gach gne charbaid agus feuna—a’ treabhadh na talmhainn—agus a’ deanamh nithe gun aireamh eile chum ar buannachd! Amhairc air an each, agus nach feumail an creutair e! Nach lionmhor obair a thig ’n a char? Nach easguidh, umhal e ’n a shaothair! Tha e’ deanamh maith dhuinn a thaobh a luathais agus a neirt fein. Is mor agus is laidir an t-elephant, ach an deigh sin ceannsaichear e, agus nithear e ’n a sheirbhiseach umhal. Air an doigh cheudna tha’n camhal ro chomasach air fuachd agus teas fhulang; tha neart mor aige, agus cuiridh e suas re uine fhada gun bhiadh, gun deoch anns an fhasach. Nach lionmhor an nithe maith’ a tha sinn a faotainn o’n chaor agus o’n mhart? Tha olann na caorach a’ deanamh gnè eudaich air ar son, an uair a ta feoil na caorach ’g ar beathachadh. Nach ’eil am mart, air an doigh cheudna, chum mor bhuannachd an da chuid beo agus marbh! Nach luachmhor an ni am bainne fein do mhac an duine, agus mar an ceudna‘ feoil na mairt r’a itheadh, a craicionn air son leathraich, agus na h-adhaircean, na cosan, na cnamhan, agus na ladhran aice air son nithe do sheachnach annta fein! Air an lamh eile, nach feumail an cu do’n bhuachaille, agus nach ealanta, curamach, dileas a ni e a ghnochuch fein mar fhear-faire a’ dionadh ar tighean, agus ar codach o gach gne luchd-reubainn! Is dileas, treibhdhireach, cairdeil an creutair an cu; fagaidh e a chuideachd agus a ghne fein, dluthaichidh e ris an duine, agus cha’n aill leis idir dealachadh ris. Ceart mar so, mar an ceudna, tha na meanbh-bheathaschean a tha co lionmhor ’s an t-saghal ro luachmhor annta fein do’n duine, air son leigheis, air son dathanna sonraichte, agus air son loin do chreutairibh eile. Ceart mar so, tha eunlaith an adhar, agus gach eun iteagach a’ coimhlionadh nan nithe a shonraicheadh dhoibh a dheanamh. Agus co tha comusach air lionmhorachd iasga na fairge a leigeadh ris? Tha iad de gach meud o’n mhuic-mhara mhor, a sios dh’ ionnsuidh an t-siolaig a’s lugha tha ’snamhadh ’s na glumagaibh an cois a’ chladaich. Dh’ fheudadh moran a bhi air a chur an ceill mu na nithibh so chum ar teagasg a thaobh maitheis, cumhachd, agus gliocais an Ti bheannuichte sin a tha riaghladh os ar ceann, ach fagar sin gu uair eile. Bhiodh e ro thaitneach na’n gabhadh “Bun Lochaber” an ni so os laimh, a chionn gur tearc iad ri’m faotuinn aig am bheil uiread ’s a ta aigesan air mor-bheathaichibh agus air meanbh-bheathaichibh na cruitheachd, agus air gach buaidh agus riaghailt a bhuineas da’n nadarsan. Ach chaidh ni’s leoir a radh chum a dheanamh aithnichte gur e cumhachd agus gliocas neo-chriochnuichte a mhain a b’ urrainn nithe co miorbhuileach a dhealbhadh agus a chumail suas! Mar sinn “Rinnn Dia beathaiche na talmhainn a reir an gne, agus an spreidh a reir an gne, agus gach ni a shnaigeas air an talamh a reir an gne; agus chunnaic Dia gu’n robh e maith,” (Gen. i., 25). Tha iad a sior chladhach air son na h-olla aig Loch Ainslie. Thatar ag radh gu’n d’ fhuair iad or anns a chladhach a rinn iad, ach nach robh uiread ann dheth ’s gu’m paigheadh e obrachadh. ’Si bharail a th’aig daoine nach eil or ri fhaotainn an àite sam bith an Ceap Breatunn cho pailt ’s gu’m paigh e cladhach air a shon. Cha’n ’eil teagamh nach e ’n gual an t-or as fhearr a tha’n Ceap Breatunn. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. Ma tha duine dichiollach, curamach, agus glic, tha e cinnteach gu’n teid gach cuis leis; agus tha a ghiulan a’ cur deagh eiseimpleir roimh gach sean agus og mu’n cuairt da. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. [TD 55] [Vol. 8. No. 7. p. 7] CO-CHEANGAL MU ALTRUIM, A Bha air a Sgriobhadh Anns a Bhliadhna 1614. Ag so an tachd agus an cengal ar affuil macleoid ag tabhairt amhic iodhon tormoid deoin mac mic caoinnigh agus ase so an tachd ar affuil se ag eoin iodhon an leanamh do beth aga mhnaoi no go ttugaidh si fein fear. ma se eoin is girra eaoghal. achd fearachd sul in leinimh do bhoth ag aonghus mac mic cainnigh in fad abhais si gan fhear da tabhairt agus comhluath agus abhear fear hi an leanamh ag aonghus fein osin amach lena bheo fein agus madh he abhratair iodhon domnall mac mic cainnigh is faide saoghal an diaigh aonghuis. ata an leanamh ag domhall mar in geetna. agus ata cuid duine chloinne do dhilib ag mac leoid go re triuir iodhon e fein agus a mac eighre iodhon eoin mac mic leoid agus tormoid in daltasa eoin mac mic cainnigh ar eoin agus ar aonghus mac mic cainnigh agus ar dhomhnall mac mic cainnigh agus ar da mac domhnaill mic murchaidh iodhon ruaidri agus murchadh agus ar da mac donnchaidh mic domhnaill iodhon eoin agus domhnall agus ar bhrian mac mic muiredhaigh agus ar gille-chalaim mac affhearsuna agus ag so an tshealbh do chuir eoin mac mic cainnigh ar seilbh an leinimh tormoid iodhon ceithre laracha agus a ceithir eile do chuir mac leoid ar a seilbh le cois tri laracha do gheall e dho anuair doghlac se ina uchd e agus coimhed agus fearachd sul na seachd laracadh sin tug mac leoid don leanamh abeth ag eoin mac cainnigh da geur ar biseach da dhalta agus coimhed agus fearachd sul na goeitre laracha tug eoin mac cainnigh da dalta abeth ag mac leoid da geur ar bisech do mar in gcetna agu sag so an fiaghnadha ata airsin iodoon maigh isdir eogan mac suibhne minisdir dhiuirinnisi agus domhnall mac pail duibh agus eoin mac colgan minisdir bracaduil agus toirdealbhach omurgheasa anos an tochdamh la doctober aois an tigearna mile 6. c. a 4 x. S. R. MACLEOID. Jon mc colgan wt nes Donald mak quein witnes Toirdelbhach omurgeasa mar fiaghnaisi Mr ewin mc quein witnes (O’n a tha sinn am barail nach bi a mhor chuid de’r leughadairean comasach air Gailig na seachdamh linn deug a leughadh gu ro mhath bheir sinn dhaibh e ann am Beurla, mar a dh’eadar-theangaicheadh e leis an Urr Tomas MacLachluinn, nach maireann.) This is the condition and agreement on which Mac Leod is giving his son, namely, Norman, to John, the son of Kenneth, and this is the condition on which he is with John, namely, if so be it that John die first, the child to be with his wife until she get a husband for herself, but the guardianship of the child to belong to Angus, son of the son of Kenneth, so long as she is without a husband, and so soon as a man marries her, the child to be with Angus himself from that time forward during his life, and if his brother, namely, Donald, the son of Kenneth, be the longer lived after Angus, the child shall be with Donald in like manner; and Mac Leod has a son’s share of the stock during the lifetime of three, namely, himself, and his son the heir, John, the son of Mac Leod, and Norman, this foster-child of John, the son of the son of Kenneth, and against Donald, son of the son of Kenneth, and against the two sons of Donald, the son of Murdock, namely, Roderick and Murdock, and against the two sons of Duncan, the son of Donald, namely, John and Donald, and against Brian, son of the son of Murdock; And against Gille-callum Mac Pherson; And this is the stock which John, son of the son of Kenneth, puts in possession of the child Norman, namely, four mares, and other four which Mac Leod put in his possession, along with three which he promised to him when he took him to his bosom; and the charge and keeping of these seven mares which Mac Leod gave to the child shall be with John, son of Kenneth, in order to put them to increase for his foster-son; and the care and keeping of the four mares which John, son of Kenneth, gave to his foster-son shall be with Mac Leod to put them to increase for him in like manner; aud these are the witnesses to this, namely, Mr Ewen M‘Queen, minister of Duirinish, Donald, son of black Paul, and John M‘Colgan, minister of Bracadale, and Turlough O‘Morrisy, now the eighth day of October, in the year of our Lord, one thousand six hundred and fourteen. S. R. MACLEOD. John M‘Colgan, witness. Donald M‘Quein, witness. Turlough O‘Morissy, as witness. Mr Ewin M‘Quein, witness. Tha an neach sin a tha an comhnuidh fo dheagh mhisnich ag cleachdadh leighis, a bhios chum slainte, an da chuid, do’n chorp agus do’n anam. Grace Darling. Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shabhail Grace Darling agus a h-athair, le ’n treine, naodhnar dhaoine o bhi air am bathadh. Tha ’n obair sin, sabhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slan an doigh a’s fhearr air son a bhi fior shona. Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e aite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shar-rnholadh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am Feillire. OGUST, 1899. 1 Di-mairt An Lunasdail. 2 Di-ciaduin 3 Dior-daoin Crunadh Righ Seumas III, 1640. 4 Di-haoine 5 Di-satharna Bas Rob Dhuinn, 1778. 6 DI-DONAICH XI. Donaich na Caingis. 7 Di-luain 8 Di-mairt Bas Dheorsa Channing, 1827 9 Di-ciaduin Breith Iain Dryden, 1631. 10 Dior-daoin An fheill Labhrainn. 11 Di-haoine La Dailrigh, 1306. 12 Di-satharna 13 DI-DONAICH XII. Donaich na Caingis. 14 Di-luain Mort Righ Donnachadh 1040 15 Di-mairt 16 Di-ciaduin La Chillsaoidh, 1645. 17 Dior-daoin Breith an Ridir Iain Hope, 1766. 18 Di-haoine La Phreston, 1649. 19 Di-satharna 20 DI-DONAICH XIII. Donaich na Caingis. 21 Di-luain La Dhun-chaillinn, 1689. 22 Di-mairt Blar na Bratoiche, 1138. 23 Di-ciaduin Mort Uallais leis na Sasunnaich, 1305. 24 Dior-daoin 25 Di-haoine Pongannan Pheairt, 1618. 26 Di-satharna Bas Phadruig Ghibson, 1829 27 DI-DONAICH XIV. Donaich na Caingis. 28 Di-luain 29 Di-mairt La Loch-aillse, 1722. 30 Di-ciaduin Bas Chardinal York, 1807. 31 Dior-daoin MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 6, U. 7, M. 34 M. A Cheud Chairteal L. 14, U. 7, M. 40 M. An Solus Lan L. 21, U. 0, M. 31 M. An Cairteal mu Dheireadh L. 27, U. 7, M. 43 F. Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna. AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 56] [Vol. 8. No. 7. p. 8] Dan Molaidh. LE MR. IAIN MAC-GILLEAIN. Do ’n Ghaidhlig ’s do ’n Fhaclair Ghaidhlig a chuireadh am mach le Eideard Luid, ’sa bhliadhna 1704. Air teachd o’n Spain do shliochd a Ghaidhil ghlais, Do shliochd nam Milidh, ’n fhine nach bu tais, Bu mhor an sgleo ’s gach fod air cruas an lann, ’S air filidheachd le foghlum nach bu ghann. Nuair ’dh’ fhas am por ud mor a bhos is thall Bha meas is pris fo ’n Ghaidhlig anns gach ball. An teanga lionmhor, bhrioghmhor, bhlasda, bhinn, ’S a chanain thartrach, liobhte, ghasda, ghrinn! An cuirt nan righ tri mile bliadhn’ is treall Do bha i ’n tus mun d’ thog cainnt Dhubh-Ghall ceann. Gach filidh ’s bard, gach leigh, aosdana ’s draoidh, Druibhnich is seanachaidh, fos gach ealain shaor, Do thug Gatelus leis o’n Eiph’t a nall, ’Sa Ghaidhlig sgriobh iad sud le gniomh am peann. Na diadhairean mor’ ’bu chliu ’s bu ghloir do ’n chleir, ’S ann leath’ gu tarbhach ’labhair iad briathran Dhe. ’S i labhair Padruig ’n Innisfail nan righ, ’S am faidhe caomh sin Calum naomh an I. B’i ’b’ oide-muint’ do luchd gach duthch’ is teang’; Chuir Gaill is Dubh-Ghaill uic’ an iul ’s an clann. Na Frangaich liobht’ a lean gach tir am beus, O I nan deoraidh ghabh am foghlum freumh. ’Nis dh’ fhalbh i bhuainn gu tur, mo nuar ’s mo chreach! ’S tearc luchd a gaoil;—b’e sud an saogh’l la seach Reic iad ’s a chuirt i air cainnt uir o’n de, ’S do threig le tair, ’s bu nar leo ’n canain fein. Thuit i ’san uir araon le h-ughdaraibh geur’, ’S na flaith da ’n du i ghabh d’a cumhdach speis. Air Eideard Luid blodh agh is cuimhn’ is buaidh, A rinn gu h-ur a dusgadh as a h-uaigh. Gach neach ’ta ’fhreumh o’n Ghaidheal ghasda, gharg, ’S gach dream dha ’n du a chanain ud mar chainnt, ’S gach aon do chinn air treubh ’s air linn an Sguit An duais a’s fiach thu ’s coir gun ioc iad dhuit, On bhanruinn air an trath-s’ a bheil an crun. Gu ruig am bochd do ’n ait an nochd an dun. Bha ’n ainm ’s an euchd o linn nan ceudan al Tre mheath na Gaidhlig ’dol a cuimhne chaich. ’Nis ’n uile ghniomh chluinn criochan fada thall; ’S deir iad le cheil’, “Bha Gaidhil aon uair ann.” ’S na ’s fearr, a shaoidh, bidh briathran liobht’ ’nar beul. Lan seagh is brigh le ’n nochdar firinn Dhe. Cia fios an Ti ’chuir ’n Aholiab tur, ’S am Besailil, a thogail arois uir, Nach e so fein do ghluais ’s do ghleus dhuinn Luid, Le tuigse threin le ’n dugt’ an ceum so trid; ’Bhrigh ’bhith na run ’ainm ’dheanamh cliuiteach, mor, Air feadh nan crioch ’san d’ fhuair na Gaidhil coir. Gu m’ h-amhlaidh ’bhios; ’s gach neach do chi an lo, Biodh t’ ainm-sa sgriobht’ ’na chridh’ an litreach oir, Agus ’na chuimhne, ’s gheibh thu ’chaoidh uam fein Beannachd is failt’ le m’ chridh’, le m’ laimh, ’s le m’ bheul. La na Feirge. EAD. LE FIONN. La na feirge! la an amhghair! Mar chaidh aithris leis na faidhean; Neamh is talamh ’dol na ’n smalaibh. ’S ann a bhios ar cridh’ ’g ar treigsinn ’N am do’n Bhritheamh teachd le neulaibh, ’S bheir e binn d’ am feumar geilleadh. Seididh ’n trompaid sanas eitidh, Cluinnidh na tha marbh gu leir e, ’S cruinnichear gu Mod Mhic Dhe sinn. Clisgidh ’m Bas, ’s an cruinne gluasidh, ’N uair a dhuisgear as an uaigh sinn, ’Dhol a sheasamh Mod an uamhais. Feuch an Leabhar beachdail, sgriobhte, Anns a bheil gach ni air innseadh, ’S as am faigh gach neach a dioladh. Air do ’n Bhritheamh dol na ’chathair, Thig gach diomhaireachd a falach, ’S eucoir cha teid as gun pheanas. Och, mo thruaigh! is mi chion treoire, Co ni tagar air son foir dhomh, ’S eubh nam firean fhein ri trocair? Righ a’ chumhachd is na morachd, ’Thug gu grasmhor slainte mhor dhuinn, Dean, le h-iochd, ’s an la sin comhnadh. Iosa, bhrigh gur e mo shaoradh ’Chuir thu ghabhail cruth chlann-daoine, O na fag mi ann an daor-chas. Lag is claoidhte, rinn thu m’ iarraidh; Cheannaich mi air crann na h-iargain; Am bhi gras cho mor an diamhain? Bhritheimh cheirt! o pheacadh ’s truailleachd, Deonaich ionnlad agus fuasgladh, Mu ’n tig latha feirg is uamhais. Ciontach, tha mi caoidh gu diblidh; Aidicheam mo lochdan lionmhor; Furtaich orm, a Dhia, ’s na dit mi. Do’n mhnaoi pheacaich thug thu slainte, Is do ’n ghaduich ait’ am Parras, ’S thug thu dhomhsa dochas tearnaidh. ’S fann, neo-airidh, m’ acain ’s m’ iarrtas, Ach, a Dhe nan grasan fialaidh, Teasairg mi o dhiteadh siorruidh. Thoir le d’ chaoirich chaomh dhomh aite; ’Measg nan gobhar O na fag mi; Ach gu d’ dheas-laimh tog an aird mi. ’N uair a bhios na daoi ga ’n leireadh, ’S air am fuadachadh gu leir-sgrios, ’Measg do naoimh O tionail fhein mi. Anns an dus gu diblidh sleuchdam, Faic mo chridhe truagh fo dheuchainn, ’S dean mo dhion an uair na h-eiginn. La nan deur, O la an tursaidh! As na h-uaighean sluagh a’ bruchdadh, ’Deanamh deas air son na Cuirte. Dhia, ad throcair thoir dhoibh tearnadh; Iosa chaoimh, a Thriath ro ghrasmhoir, Thoir gu d’ shuaimhneas buan gu h-ard iad! C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p.m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p.m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a.m. ’s aig 4 p.m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a.m. ’s aig 3 p.m. a dol direach eadar an da bhaile. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 57] [Vol. 8. No. 8. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 1, 1899. No. 8. LITIR A CEAP NOR. Bha ’n Comanachadh againn ’s an eaglais Chleirich air an t-Sabaid mu dheireadh de ’n mhios s’a chaidh. B’iad na h-Urr. Calum Mac Leoid a Baile nan Gall, Alasdair Mac Gill-fhinan a Boston, agus Mr. Gunn a Pictou, na searmonaichean a bh’againn aig an am, agus bha sinn uile gle riaraichte leo. Chomanaich aon deug air son a cheud uair. Bha sinn duilich nach robh Mr. Beutan, ministear a pharaisde, comasach air a bhi lathair maille ruinn. B’fheudar dha falbh le ’mhac a’s oige gu Sidni a Tuath. Dh’ innis mi roimhe gu’n robh am balach euslan. Thainig air na lighichean fhosgladh; ach tha sinn toilichte gu bheil e nis air tigh’n dhachaidh ’s e gu bhi cho slan ’s a bha e riamh. Air an t-seathamh la de’n mhios so, dh’eug Niall Mac Asguil agus e mu choig fichead bliadhna ’dh’aois. Bha e air a bhi gun fhradharc o chionn aireamh bhliadhnaichean; ach is beag nach robh e comasach air a bhi air a chasan gach la gu tri la mu’n dh’ eug e. Tha litir a thainig air an t-seachdain. s’a chaidh ag innse gu ’n d’ eug Domhnull Domhnullach (saor) ann an Dawson City, trath anns a mhios s’a chaidh. Dh’ fhag e ’n Abhuinn Mheadhonach, far an d’ rugadh ’s an d’ araicheadh e, o chionn corr us fichead bliadhna. Dh’ fhag e bean agus paisde nighinn gu bhi ’g a chaoidh, ann am Portland, Oregon, far an robh an dachaidh fad iomadh bliadhna. Bha ’n duine coir greis a saoirsneachd ’s an aite so o chionn fhada, agus tha gach aon aig an robh eolas air gle dhuilich mar dh’eirich dha. Bithidh sinn tuilleadh ’us ullamh gu bhi coireachadh dhaoine air son a bhi dol do’n Chlondaic; agus a smuaineachadh gu’m faodadh moran dhiubhsan a tha faotainn a bhais ’s an duthaich fhuar ud, a bhi fathast a lathair nan robh iad air fuireach aisde; ach ’s cinnteach gu’m faigh am bas am mach sinn ann an cearna sam bith eile de’n t-saoghal cho math ris a Chlondaic; ’s mar sin, ’se ar gliocas a bhi ’g amharc air a shon gach la, ge b’e ait am bi sinn. A thaobh sgios, ’us dith naidheachdan, agus am dol a laidhe, ’s eiginn dhomh sgur an drasda. Cha’n e MAC-TALLA am fear nach gabhadh leisgeul duine bhiodh ’ga dhalladh leis a chadal. M. D. Ceap Nor, Ogust 21, ’99. “CHA SHEAS A BHREUG ACH AIR A LETH-CHOIS.” Tha daoine de’n bheachd mar is tric nach ’eil fior ghliocas r’a fhaotainn ach ann am briathran nan daoine mòra a dh’fhàs ainmeil airson meud an gliocais. Tha sinn ro ullamh gu bhi gabhail seachad air iomadh ni glic a chaidh a chantuinn ann an gnàth-fhacail ar dùthcha. Oir cha’n e mac-meanma a mhàin a rinn an seann-fhacal. Is ann a tha ’n seann-fhacal air a chur ri chéile, agus air a ghiùlan a nuas bho ghlun gu glùn, mar thoradh air a’ bheachd gheur a ghabh an t-seann mhuinntir air cor an duine anns an t-saoghal. Anns a’ ghnàth-fhacal chi sinn gliocas saoghalta air a chur ann an cruth maireannach; ann an cruth a tha cho freagarrach, nadurra ’s gu’n dean e greim laidir air inntinn an t-sluaigh, gus a bhi dhaibh mar sheoladh agus mar riaghailt-stiùiridh. Agus is cinnteach gur ann tre eolas air neo-sheasmhachd na breige ri am an dearbhaidh a thoisich am facal so “cha sheas a’ bhréug ach air a leth-chois.” Bha muinntir eile cho fad an aghaidh na brèige agus gu ’n d’ thubhairt iad nach robh casan idir aice air an seasadh i. Da rireadh is gann nach fhaoidte ’chantuinn gu bheil so ceart cuideachd. Ach tha e coltach gu’m bu mhiann leis a’ Ghàidheal a bhi eagnuidh anns an ni so, na ’m b’ urrainn e. Bha e ’cur iongnaidh air gu robh a’ bhreug air uairibh mar gu’m biodh i a faotainn taicse fo a bonn, agus a deanamh seorsa de sheasamh. Ach an uair a bheachdaich e na bu dlùithe, ciod e a fhuair e a mach, ach gur ann a bha i ’n a seasamh air a leth-chois. A nis cha’n e mhàin gu bheil so a nochdadh dhuinn ciod e cho geur ’s a ghabhadh ar sinnsir beachd air a leithid sud, ach tha e mar an ceudna a sealltuinn ciod e cho cothromach ’s a thagh iad am briathran. Tha aon ni sonraichte r’a fhaicinn ann an seann-fhacail nan Gàidheal, agus is e sin mar a tha an seadh air a chur an céill mar is trice ann an cainnt brighmhoir bhlasda. Ann ar linn féin an diugh tha muinntir a cur mor-mheas air neach d’an urrainn sgriobhadh air mhodh taitneach. Gu h-àraidh anns a’ Bheurla tha daoine a deanamh stri chruaidh, a dh’ fheuchainn co ’s feàrr a gheibh éisdeachd agus aire ’n t-sluaigh. Is ann le dian-chleachdadh a dh’ fhàsas na sgriobhaichean ealanta. Le ’bhi a sgriobhadh gun tàmh tha iad a faotainn comas air leth thairis air briathran samhlachail, agus air gach alt agus inntleachd a bhuinneas do dhréuchd an fhir-sgriobhaidh. Ach a dh’aindeoin an cuid cleachddaidh agus an saothair, cha’n urrainn dhaibh a dhol seachad air eagnuidheachd na Gàilig ann am briathran snasmhor. Cha ’n urrainn dhaibh dealbh na ’s firinniche a tharruing, mar gu’m b’eadh; no iomhaigh na ’s dilse chur ann am briathran. B’ àbhaist d’an Ollamh Maciain (Johnson) a bhi ’cantuinn nach b’urrainn litreachas a bhith far nach robh leabhraichean. Ach nan robh esan meaneolach air cainnt nan Gaidheal, bhiodh e ann an caochladh beachd a tilleadh as a’ Ghaidhealtachd ann an 1773. Chitheadh e nach robh anns a’ bheachd a bh’ aige ach claon-bhreith a’ dh’ èirich ’n a inntinn fèin. Oir cha ’n ’eil [?]dachd no alt-briathran a gheibhear ann an sgriobhaidhean nan sgoilearan nach fhaighear mar an ceudna ann an sgeulachdan agus ann an seann-fhacail nam bodach Gàidhealach. Faodaidh gu bheil an Gàidheal buailteach air taobh a bhi aige ri ’mhuinntir fein; agus faodaidh gu’n teid aig an sgriobhaiche Ghaidhealach air ciall ùr fhaotainn ann an gnàth-fhacal—ciall air nach do smuainich an fheadhain a labhair am facal an toiseach. Ach tha sinn an dùil nach ’eil sinn a dol thairis air crioch na corach, an uair a their sinn gu bheil an seann-fhacal so, “cha sheas a bhreug ach air a leth-chois,” a sealltuinn gu’n robh meas aig ar n-athraichean air an fhirinn. Co b’ urrainn dearbhadh na bu shoilleire air so fhaotainn ’n an doigh sgaiteach anns an do leig iad ris laigse agus lethscod na breige. Dh’ iarradhmaid a bhi ’saoilsinn gu maith de ar sinnsir; ach cha’n eil e eu-coltach nach robh breùgairean eadhon am measg nan seann Ghàidheal. Mar a dh’ eirich do gach cinnteach eile, dubh no geal, fo’n ghréin, tha e ro-choltach gu ’n do thoisich “an Gaidheal glas” air car beag a chur anns an fhirinn gu math trath. Agus co ’s urrainn aicheadh nach biodh sgiolmag bhreige cho iomasglach an uair ud ’s a tha i ann ar linn fein. Ciod e an t-iongnadh ged a chluinneamaid gu ’n robh a’ bhreug ann an cleachdadh, far an “rachadh neart air cheart,” agus far an robh “a’ bhiasd as mo ag itheadh na beisde is lugha.” Ach air an laimh eile cha do chuireach an fhirinn gu buileach fo na casan. Tha seann-fhacail eile fathast air chuimhne a tha ’nochdadh so: “Dearbhaidh an fhirinn i fein;” “Cho fior ri tulusgan na firinn;” “Cha duinear beul na firinn.” Mar sin cha’n eil e farasd’ a chantuinn ciod e cho sean ’s a dh’ fhaodas an gnath-fhacal so a bhi. Ach tha sinn a creidsinn nach b’ ann gun eolas air nadur agus air toraidhean na breige a bha iadsan a thubhairt air tùs e. Feumaidh mar an ceudna gu’n do mhothaich iad gu bheil tuilleadh is aon seorsa ann de na breugan. Tha seorsa ann air nach ’eil dath na breige féin. Is iad sin an seorsa aig nach ’eil cas idir air an seas iad. Faodaidh gur ann dhiu so a tha moran de na tuaireasgeulan a bhios cuid de na bodaich Ghaidhealach ag innse do ’n oigridh timchioll a’ ghealbhain anns na h-oidhcheanan fada geamhraidh. Ach ged a tha litir na h-uirsgeul breugach, gidheadh tha an spiorad aige firinneach. Is ann air an aobhar sin a chumair an sgeulachd idir air chuimhne. Cha’n eil i air a ciallachadh airson an car a thoirt a neach sam bith. Cha ’n eil ceilg fo a falluing. Is ann a tha i feumail gus mac-meanma na h-inntin a neartachadh, gus pailteas bhriathran a bhuileachadh air an fhear-innse, agus mar sin gus a bhi dusgadh suas ann am measg na tuath neo-fhoghlumaite cuid de an talanntan litreachais, a bhiodh gu brath ’n a cadal, mar a bhiodh an uirsgeul, le a duain agus le a h-iongnaidhean. Tha seorsa eile de bhreig ann a tha ro-choltach ris an firinn. Is ann le a leithid sin an nochdas am breugadair ciod e cho sgileil ’s a tha e. Is fior am facal a thubhairt gu’m feumadh am breugadar deadh chuimhne ’bhi aige. Agus cha’n e sin a mhain a dh’fheumadh e, ach deadh thùr, airson fios a bhi aige c’ait an stadadh e. Tha daoine, eadhon na daoine glice, ro-bhuailteach air a bhi air am mealladh le a leithid so, a chionn ’s nach ’eil an amharus air a dhusgadh. Oir tha measarrachd na breige ’g a fagail cho fior-choltach ris an fhirinn. Dh’ fhaoidte’ chantuinn gu ’m faigh breug mar so air uairibh seasamh cas a tha iongantach. Gidheadh is ann air a leth-chois a tha i ’n a seasamh. Tha i ullamh air aomadh, agus cha’n ’eil [TD 58] [Vol. 8. No. 8. p. 2] cultaice aice ri crathadh an dearbhaidh. Cha ’n eil a neart a comh-sheasamh ach ann an coltas a mhain. Feumaidh i cuideachach bho ’n taobh a mach, agus tuilleadh taic gus a deanamh bunaiteach. Is minic a theid breug ur innse gus a bhi a cumail suas na seann bhreige. Agus gle thric theid iomadach breug a dhealbh, agus a charadh druim ri druim, a dh’ fheuchainn an teid aca air seasamh ann an taic a cheile. Ach an deigh gach innleachd cha’n ’eil an treud air fad ach bacach agus ciurramach. Cha dirich iad an dromannan agus cho tog iad an cinn. Tha iad cho crùbach agus nach gluais iad as an aon ionad, mur a faigh iad cuideachach lapach bho an companaich (eadhon breugan ùra) a tha ’cheart cho uaireasbhuidheach riu fein, gus an cumail suas. Is mòr an t-eadar-dhealachadh, ann an seasamh no ann an siubhal, a tha eadar iad fein agus an fhirinn. Cha ’n ’eil ise ann an eiseamail luchd-comhnaidh. Oir aice fein tha casan luatha foghainteach, anns nach ’eil laigse no crubaiche. Tha a rithist an treas seorsa ann mu ’n d’ thubhairt Sir Walter Scott, gur iad gne is cunnartaiche a th’ann. Is iad sin an fheadhain aig am bheil an dara leth ’n am firinn. Cha’n eil iad idir cho anfhann r’ an cairdean a chaidh ainmeachadh a cheana. Tha iad anabarrach doirbh an tilgeil far am buinn, a chionn gu bheil iad ’n an seasamh ann an taic na firinn. Tha iad cosmhuil ris an eadhainn uaine, a dh’ iathas gu dlùth timchioll air an daraig. Ged a tha iad lag annta fein, tha iad laidir do bhrigh an cuideachda. Ged nach ’eil cairdeas aig an fhirinn ris a bhreig, gidheadh is iongantach mar a ghabhas a’ bhreug fasgadh fo sgeith na firinn. Cia lion breug de ’n t-seorsa so a tha dol an cleachdadh gach latha, mar gu ’m b’ ann gun fhios, gun aoidh gun fhaireachadh! Bheir baigh r’a dhuthaich air an fhear-eachdraidh gu’n cuir e dath taitneach air na laithean a dh’ fhalbh, agus air gniomharan a shinnsir fein. Bheir eud airson a chuideacha, no eadhon airson a rioghachd air an fhear-stata, gu’n ceil a ni sam bith a mheiticheadh ’aobhar. Is minic a chuireas neach, mar gu’m b’ann gun fhios da, fiaradh beag anns an fhirinn, air eagail a ’bhi leigeil ris laigs’ a charaid. Is iomadh breug throcaireach a chaidh a dhealbh air sgath teas-ghraidh. Is lionmhor breug a ni gach duine dha fein mar an ceudna. Faodaidh gu bheil nithibh faoine ann am beatha na muinntir aimidich, a gheibh maitheanas ann an sealladh nan daoine glice. Faodaidh gu bheil iomadh failing thairis air an sgaoil Trocair gu caoimhneil a sgiathan, agus air an gabh Gradh seachad. Ach tha ’n Fhirinn cho ceart agus nach fuiling i cuideachda na breige; cho neo-mhaitheach ’s nach gabh i thairis air fiaradh bho shlighe a’ cheartais; agus cho fiorghlan ’s nach giulain i sgaineal air a h-ainm, no smal air a trusgan. SGEIR-AN-OIR. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. IX. Ged a bha lan-fhios aig a’ cheannard gu’n cailleadh e a bheatha mur rachadh aige air nighean an righ a leigheas, ghabh e an obair os laimh. Thug an righ a steach e do ’n t-seomar anns an robh a nighean. Cho luath ’s a chunnaic i iad chuir i falach air a gnuis, agus thuirt i ri ’h-athair, “Tha ioghnadh gu leor orm gu’n tugadh sibh firionnach a steach an so, agus fios agaibh gu’n bheil an aidmheil dhe ’m bheil mi an aghaidh dhomh m’ aodann a nochdadh a dh’ fhirionnach sam bith.” “A nighean,” ars’ an righ, na gabh tamailt sam bith air son mar a rinn mi; cha’n ’eil an so ach fear dhe na ceannardan agamsa a tha air tighinn g’ ad’ iarraidh ri do phosadh.” “Tha mi ’faicinn nach e sin an duine a chuir sibh a laidhe comhladh rium, agus a thug dhomh am faine so mar chomharradh air a ghaol a ghabh e orm. Na gabhaibh gu h-olc mi dh’ innseadh dhuibh, nach pos mise fear gu brath ach e fhein,” ars’ ise. Bha ’n ceannard an duil gu’n abradh no gu’n deanadh i ni eiginn neo-ghnathaichte, agus bha e air a mhealladh gu mor an uair a chual’ e cho glic agus cho tuigseach ’s a labhair i; oir thuig e gu lan-mhath nach robh dad cearr oirre ach mar a thuit i cho trom ann an gaol. Cha bu dana leis a’ chuis a dheanamh aithnichte do ’n righ, oir bha fhios aige nach b’ ann air fhein a thuit i cho trom ann an gaol. Leig e e-fhein ’na shineadh aig casan an righ, agus thuirt e, “Le ’r cead, a righ, an deigh na chunnaic agus na chuala mi, cha ’n ’eil aobhar dhomh a bhith ’smaointean gu’n teid agam air a’ bhana-phrionnsa a leigheas, oir cha ’n ’eil ni sam bith agam a leighiseas i; agus air an aobhar sin, tha mi gu h-umhail a’ cur mo bheatha ann bhur lamhan.” Ghabh an righ corruich mhor an uair a chual’ e nach rachadh aig a’ cheannard air a nighean a leigheas, agus ghrad dh’ ordaich e an ceann a chur dheth. An ceann beagan uine ’na dheigh sid, chuir an righ roimhe nach stadadh e gu brath gus am faigheadh e doigh air an nighean a leigheas. Air an aobhar sin, chuir e fios do gach baile beag is mor a bh’ anns an rioghachd, agus do cheanna-bhaile gach rioghachd a bh’ anns an t-saoghal, feuch am faighteadh lighiche, no reuladair, no draoidh, no neach sam bith a leighiseadh a nighean; ach bha e air innseadh anns an teachdaireachd, gu’n cuirteadh an ceann bhar fir sam bith a ghabadh os laimh a nighean a leigheas, mur a rachadh a’ chuis leis. B’ e fear aig an robh eolas air reuladaireachd agus air draoidheachd a’ cheud fhear a thainig a leigheas nighean an righ. Thug aon de na caillteanaich a steach e do ’n t-seomar anns an robh i. Dh’ fhosgail an reuladair poca a bh’ aige, agus thug e as na h-uiread de threalaich, mar a bha inneal-tomhais na greine, cruinnmheall, aite-teine, poit umha, agus iomadh seorsa uillidh agus spiosraidh a bha e a losgadh anns an t-seomar gus an droch spiorad a thilgeadh am mach a nighean an righ. Dh’ fheoraich nighean an righ ciod a bha e ’dol a dheanamh leis na rudan ud, agus fhreagair an caillteanach, agus thuirt e rithe, “A bhaintighearna, tha h-uile dad dhe sid feumail gus an droch spiorad a fhuair greim oirbh a chur am mach, agus a ghlasadh anns a’ phoit umha gus a thilgeadh do ghrunnd a’ chuain.” “A reuladair amaidich,” arsa nighean an righ, “cha ’n ’eil feum sam bith agamsa air an obair a tha thu toileach a dheanamh. Tha mo thur ’s mo chiall math gu leor agam; agus sin rud nach eil agadsa. Ma theid agad le do chuid innleachdan air an fhear air am bheil gaol agam a thoirt an so, bidh mi gle fhada ’nad chomain. Ach mur teid agad air sin a dheanamh, faodaidh tu a bhith falbh, oir cha ’n ’eil feum sam bith agamsa ort.” “A bhaintighearna,” ars’ an reuladair, “ma ’s ann mar sin a tha ’chuis, cha ruig mise leas oidhirp a thoirt air do leigheas. Is e d’ athair an t-aon duine aig am bheil comas air an duine air an do thuit thu ann an gaol fhaotainn dhut.” An uair a thuirt e so, chuir e an trealaich gu leir air ais do ’n phoca, agus dh’ fhalbh e. Bha aithreachas gu leor air a chionn gu’n do ghabh e as laimh nighean an righ a leigheas. Ghabh e direach far an robh an righ, gun fheitheamh gus an labhradh an caillteanach ris air a shon, agus thuirt e ris, “Le ’r cead, a righ, a reir mar a dh’ innis sibh dhomhsa, araon anns an teachdaireachd agus le cainnt beoil, cha robh dad a theagamh agam nach robh bhur nighean air a dhol buileach glan as a rian, agus bha lan dhuil agam gu’m bithinn comasach, le mo chuid sgile, air ciall is reusan a chur innte; ach thuig mi cho luath ’s a chunnaic mi i nach robh dad cearr oirre ach mar a thuit i anabarrach trom ann an gaol. Agus air an aobhar sin, cha ’n eil e comasach dhomhsa, no do dh’ fhear sam bith eile dhe mo sheorsa, an leigheas a tha dhith oirre a thoirt dhi. Is sibh fein an aon lighiche aig am bheil comas air a leigheas, ma gheibh sibh dhi ri ’phosadh an duine og air an do thuit i cho trom ann an gaol.” An uair a chual’ an righ na briathran so, ghabh e corruich mhor, agus thug e ordugh seachad an ceann a ghrad thoirt bhar an reuladair. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, foghnaidh dhomh a radh gu’n d’ thainig corr is seachd fichead de reuladairean, de lighichean, agus de dhraoidhean do ’n luchairt gus nighean an righ a leigheas; ach chaidh a’ chuis tur ’nan aghaidh gu leir, agus air an aobhar sin, chuireadh an ceann bhar a h-uile mac mathar dhiubh. Chrochadh na cinn aca air stuib aig geatachan a’ bhaile. Bha mac aig banaltrum nighean righ Shina do ’m b’ ainm Marsabhan. Bha am mac so mu’n aon aois ri nighean an righ, agus an uair a bha iad og, bha iad an comhnuidh ann an cuideachd a cheile. Agus bha iad mar gu’m biodh piuthar is brathair ann, eadhoin an deigh dhaibh a bhith uiread ’s a bhitheadh iad. Fhuair Marsabhan sgoil is ionnsachadh a cheart cho math ’s ged bu mhac righ e. Comhladh ris gach foghlum eile, dh’ ionnsaich e reuladaireachd, agus draoidheachd dhe gach seorsa; agus cha robh anns an t-saoghal ri ’latha ’s ri linn na bheireadh barr air le cleasan draoidheachd. Mu’n d’ thainig e gu bhith cho fior fhoghluimte so, shiubhail e an earran bu mho dhe ’n t-saoghal; agus dh’ ionnsaich e o gach draoidh a thachair ris anns gach aite anns an robh e, a h-uile cleas-draoidheachd a bha iad comasach air a theagasg dha. An deigh dha a bhith iomadh bliadhna a’ siubhal an t-saoghail, thill e do cheana-bhaile na rioghachd. An uair a rainig e geata ’bhaile agus a chunnaic e na bha de chinn dhaoine an crochadh air stuib, ghabh e ioghnadh anabarrach. Gun dail sam bith dh’ fhaighneachd e ciod e b’ aobhar gu’n robh na h-uiread de chinn an crochadh aig a’ gheata. Dh’ fheoraich e mar an ceudna cia mar a bha nighean an righ. Thugadh dha beachd-sgeul air mar a bha cuisean; ach o nach robh e ’tuigsinn gu lan mhath mar a thachair, dh’ fheith e gus an d’ thainig a mhathair dhachaidh. Ged a bha ’bhanaltrum ri bhith ’n comhnuidh ann an cuideachd nighean an righ, cha bu luaithe a chual’ i gu’n do thill a mac dhachaidh na fhuair i cothrom air tighinn g’ a fhaicinn. Rinn i fodhail gu leor ris, mar a bha nadarra dhi, agus thug i greis air comhradh ris. An sin dh’innis i dha, agus i gu bras a’ sileadh nan deur, mar a thachair do nighean an righ, an t-aobhar air son an robh i air a druideadh anns a’ chaisteal. Dh’ fhaighneachd esan dhe ’mhathair am faigheadh i doigh sam bith air a thoirt do ’n t-seomar anns an robh nighean an righ gun fhios a bhith aig neach sam bith air ach i fhein. Bha ’mhathair greis ’na tosd, agus an sin thuirt i ris nach b’ urrainn i dad a radh ris aig an am, ach, nan coinnicheadh e i aig a’ cheart am an la-iar-na-mhaireach gu’n tugadh i freagairt dha. Bha fhios aig a’ bhanaltrum nach fhaodadh neach sam bith ach i fhein a dhol an lathair nighean an righ gun [TD 59] [Vol. 8. No. 8. p. 3] chead fhaotainn o ’n chaillteanach a bha ’na sheasamh a’ gleidheadh an doruis. Thachair gu ’n robh e air ur-shuidheachadh anns an dreuchd, agus mar sin, cha robh fhios aige air na nithean a thachair anns an luchairt. “Is cinnteach gu’n cuala tu,” ars’ ise, “gur e mise a thug cioch do nighean an righ, agus is docha gu’n cuala tu mar an ceudna gu’n robh nighean agam fhein, agus gu’n robh i air a h-altrum ’s air a h-arach comhladh ri nighean an righ. Phos mo nighean o’n uair ud; agus tha leithid de thlachd aig nighean an righ dhi ’s gu ’m bheil fior thoil aice a faicinn. Ach cha bu mhath leatha gu’m faiceadh neach sam bith mo nighean-sa a’ dol am mach no steach do ’n t-seomar aice.” Ghrad thuirt an caillteanach, “Cha ruig thu leas an corr a radh; ni mise rud sam bith a bheir toileachadh do nighean an righ. Thoir an so do nighean mu mheadhain oidhche, agus bidh an dorus fosgailte dhuibh.” Cha bu luaithe thuit an oidhche na chaidh a’ bhanaltrum air thoir a mic; agus an uair a fhuair i e, chuir i deise boirionnaich uime cho doigheil ’s cho grinn ’s nach aithnicheadh neach sam bith gur e firionnach a bh’ ann. Dh’ fhalbh e comhladh rithe; agus o’n a bha ’n caillteanach a’ creidsinn gur e an nighean aice a bh’ ann, leig e steach le cheile iad. (Ri leantuinn.) BEACHDAN MU ’N MHOD. Conaltradh Eadar Ian Dubh nam Beann agus Calum Gorm, “Sasunnach,” a Mhuinntir an Eilean Sgiathanaich. CALUM.—Nach ’eil thu fhein a faicinn, Iain, gu bheil iadsan gle amaideach, a tha cumail a’ Chruinneachaidh bhliadhnail sin ris an canair “Am Mod Gaidhealach.” Is mor an t-annas a tha e cur orm, gu’m biodh daoine aig am bheil tuigse, agus a dh’ fhaodadh an aimsir a chaitheamh ann an doigh na bu bhuanachdaile dhaibh fein agus do chach, a cosg an saothair agus an uine, ri gnothuich gun fheum de’n t-seors ’ud. IAIN.—Ma tha mi ’g a do thuigsinn gu ceart, tha mi ’smuaineachadh nach ’eil fhios agad ciod e mu thimchioll am bheil thu ’labhairt. Oir nam biodh tusa ’tuigsinn nan aobharan mu ’m bheil am Mod air a chur air chois, tha mi de ’n bheachd nach biodh tu idir cho ullamh gu beum a thabhairt as a’ mhuinntir a tha ’saoithreachadh ann an comh-cheagal ris. C.—Is minic a thug mi oidheirp, Iain, air a bhi tuigsinn a’ ghnothuich so. Ach tha agam ri aideachadh gu’n do dh’ fhairslich orm riamh seadh na gliocas fhaicinn anns an ni air fad. Ma tha na daoine dichiollach ud a deanamh dheth gu’ n cum iad a’ Ghailig beo le’n cuid upraid, tha mi a smuaineachadh gu bheil iad fada cli. Oir tha e soilleir do neach sam bith aig am bheil suilean gu bheil binn a bhais air a tabhairt a mach air a Ghailig a cheana; agus is faoin an obair do dhaoine tuigseach a bhi ’feuchainn ris an deo a chumail ann a seann cholainn gun neart mar a tha a Ghailig. Oir is fior gu bheil cainnt nan Gaidheal gle choltach ri seann cholainn gun luthas; ach gu h-araidh an uair a tha fiamh an aoig air a gnuis, is diamhain a bhi ’n duil gu ’n cumair beo i. I.—Tha do bhriathran a Chalum, doirbh r’a eisdeachd. Ach cumaidh mi thu air bonn na h-argumaid. Cha cheaduich mi dhuit gu bheil an fhirinn ’n a do bhriathran. Tha mi air an aobhar sin a cur mar fhiachaibh ort, gu nochd thu dhomh cia mar thugadh binn a bais a mach air a Ghailig. C.—Ceadaichidh tu dhomh gu bheil a’ Bheurla a sior bhuinig neart anns gach cearn sam bheil i air a labhairt. Ach tha mi creidsinn nach eil earrann sam bith de ’n t-saoghal far am bheil a’ Bheurl’ a faotainn greim daingean bho latha gu latha, mar a tha i ann an Gaidhealtachd na h-Albainn. Tha an oigrih a dh’ fhalbhas bho ’n dachaidhean a di-chuimhneachadh na Gailig; agus ma thig iad air an ais do ’n Ghaidhealtachd, is miann leo a bhi ’labhairt na Beurla. Tha a’ chlann bheaga ’s an sgoil a togail an cuid foghlum anns a’ Bheurla; agus feumaidh iad moran de’n uine anns a sgoil a chaitheamh ann a bhi cleachdadh a’ chanain sin, a chum gu ’n seas iad an aite fein an uair a theid iad a mach gu Galldachd a chosnadh an aran lathail. A ris, na teaghlaichean a tha ’g iarraidh a bhi coltach ri daoin’ uaisle, cha labhair iadsan ach cainnt nan Gall, a chionn gu bheil a Ghailig ro chumanta. Cha’n ’eil e fasanta gu leor a bhi labhairt na Gailig. Cha’n eil ’ga labhairt gu coitchionn an diugh ach iasgairean agus croitearan. Mar sin tha mi deanamh dheth gu bheil iomadh ni a cogadh ann an aghaidh cainnt nan Gaidheal; gu bheil i ’dol gu mor a cleachdadh; agus nach fhad an uine gus an cluinnear a guth deireannach, mar ghlaodh fad air falbh ann an dorchadas oiche na di-chuimhne. I.—Tha mi nis a tuigsinn cia mar a tha thu ’n duil gu’n d’ thugadh binn a bais a mach air a Ghailig. Tha thu smuaineachadh gu bheil a’ Bheurla ’n a namhaid do chainnt nan Gaidheal. Ach ceadaich dhomh a chantuinn nach i a’ Bheurl’ idir an namhaid a bu mhiosa ’bha aig a’ Ghailig, no aig na Gaidhil. Oir is iomadh sochair a fhuair sinn bho’n Bheurla. Thainig a chanain ud thugainn le nithibh luachmhor; agus tha i ’n diugh mar mheadhon eadar sinne agus duchannan eile. Is ann ’s a chainnt ud a sgriobh Shakespeare. Ach tha moran de rioghachdan na Roinn Eorpa mar an ceudna fo fhiachaibh do ’n Bheurla. Gidheadh cha ’n eil sin ’n a aobhar air gu’n leigeadh na rioghachdan sin air di-chuimhn’ an cainntean fein. Agus cho mho a tha e ’n a aobhar air gu’n leigeadh sinne, mar Ghaidhil, cainnt ar mathar a dhith. Seall air na Cimrich, ciod e cho duineil ’s a tha iadsan a cumail suas an canain fein. Seall cia mar a tha malairt air a deanamh am measg an t-sluaigh ud ’n an canain fein, ged a tha Beurla gu leor aca mar an ceudna. Mothaich air an doigh anns a bheil iad a’ cumail Cruinneachaidhean bliadhnail, ar son a bhi ’tabhairt ur-mhisneachadh do chainnt agus do cheol nam Cimreach. Mothaich mar a tha eadhon Prionns Albert Eduard, oighre dligheach a’ Chruin Bhreatunnaich a tabhairt a lathaireachd do na Coinneamhan sin. Cha’n ’eil mi ’ga ainmeachadh san a chionn gu bheil ughdarras mor sam bith aige gu pearsanta, ann an eolas mu thimchioll a’ Chanain Chimrich ach a chionn gu bheil, daedh-ghean agus fabhar an teaghlaich rioghail, ’n a misnich agus ’n an cuideachadh do dh’ aobhar nan Cimreach. Agus c’ar son nach deanadh na Gaidhil mar an ceudna, an uile dhichioll a chum ceartas a thabhairt do’n Ghailig, le bhi cumail Mod Gaidhealach, agus mar sin a tarruing aire an t-sluaigh a dh’ ionnsaidh nan ionmhasan a tha iad fathast a sealbhachadh, eadhon cainnt agus ceol an sinnsir. C.—Tha mi gun teagamh ag aideachadh gu’n tarruing am Mod aire ’n t-sluaigh ann an tomhas araidh. Ach ged a dheanadh e sin fein ciod e am math a bhiodh ann? Ciod e ’m feum a dheanadh a’ Ghailig dhuinne ged a chumta beo i? Agus ged a bhiodh i eadhon na bu ladaire na bhi i riamh, ciod e am math a dheanadh sin? Oir cha bhiodh aice an deigh na h-uile ni ach gnothuichean cumanta, ri thabhairt dhuinn. Cha bhiodh gliocas domhain, cha bhiodh Feallsanachd, cha bhiodh ard-iunnsachadh eagnuidh, cha bhiodh a h-aon de na cuspairean diomhair sin, anns am bheil a’ Bheurla cho deas, air an luaidh idir ann an Gailig. Co b’ urrainn a’ chainnt bhorb sin oibreachadh ann an ard ealain tomhais no ann an cunntais mhora? Cia lion ginealach a dh’fheumadh a bhi labhairt cainnt nan Gaidheal, mu’n gabhadh am “Principia’ aig Sir Isaac Neuton cur ann an Gailig a thuigeadh neach sam bith ach an t-eadartheangair fèin? Mar sin cha ’n ’eil mise faicinn feum sam bith ann a bhi deanamh a leithid sin do dh’ upraid timchioll air cainnt a tha gu buileach cho neo-aithnichte. Faodaidh gu bheil a’ Ghailig freagarrach gu leor air iasgairean agus air buachaillean; ach tha mi smuaineachadh gu ’n deanadh eadhon iadsan an gnothuich fein a cheart cho cothromach leis a’ Bheurla. I.—Tha do bheachdan a cur mor iongnadh orm. Nach ’eil fhios agadsa nach e ro-phailteas bhriathran idir, ach eanchainn agus tuigse chumhachdach a’ dh’fheumas neach ar son ard-ealain tomhais agus cunntais mhora? Tha fios agad cuideachd gu bheil a’ Ghailig a cheart cho deas ris a’ Bheurla ann am beul neach aig a’ bheil eolas ionnan air an da chainnt. Tha thu smuaineachadh nach gabhadh am “Principia” aig Newton cur ann an Gailig. Ach an d’ thug thu riamh fainear nach mo a roghnaich an t-ughdar treun sin a leabhar a sgriobhadh ann am Beurla, ged a b’i a chainnt mhatharail i. Cha robh cainnt nan Gall inbheach gu leor leis an duine ghlic sin. Agus thoir thus’ an aire gu bheil a’ Ghailig Albannach a cheart cho farsuinn ris an Laidiuinn Romanaich airson ardchunntais agus ealain-tomhais. A thaobh Feallsanachd tha mi deanamh dheth gu bheil cainnt nan Gaidheal ’n a meadhon buadhmhor arson a’ chuspair sin. Gun teagamh cha d’ rinneadh moran sgriobhaidh fathast mu na nithibh sin anns a’ Ghailig. Ach cha ’n ann a chionn nach ’eil ar cainnt beartach gu leor ann am briathran, nach d’ rinneadh a leithid sin de sgriobhaidhean. Tha linn na Bardachd a tighinn air thoiseach air linn na Feallsanach am measg na h-uile cinneach. Ged a dh’ fhas a’ Bheurla saibhir ann an gliocas domhain, gidheadh cha ’n ann aice fein a fhuaradh buaidh na Feallsanachd air tus ach aig na Greugaich agus aig na Romanaich, cinnich a bha mor agus glic fada mu’n d’ rugadh ar Slanuighear. Feumaidh sinn a chuimhneachadh nach d’ thainig a’ Ghailig idir fo bhuaidh Ath-leasachadh Mor an Iunnsaichidh a thachair air feadh na Roinn Eorpa bho chionn ceithir cheud bliadhna air ais. Mar sin tha e soilleir nach ann air an aon doigh a dh’fheumair breith a thoirt air cainnt nan Gaidheal agus air a’ Bheurla. Tha Ghailig fathast anns a’ cheud linn, eadhon linn na Bardachd; agus an uair a theid a h-aiteachadh na ’s coimhlionta, is ann an sin a gheibhear toradh na Feallsanachd. Bidheamaid mar Ghaidhil cosmhuil ann an aon seadh ris na h-Americanaich, a tha faicinn morachd an duchadh fein, cha ’n ann cho sonruichte anns a chuid a chaidh seachad de ’n eachdraidh, ach anns an earrann sin a tha fathast ri teachd. C.—Faodaidh sin a bhi ceart ann an seadh araidh, ach gidheadh, tha taobh eile air a’ chuis. Tha e na ’s soirbhe aon ni iunnsachadh gu ceart, na iomadh ni. Is ann mar sin a dh’ eirich do chainntean. Ma bhios tu dichiollach ag iarraidh eolas farsuinn air aon chanain, tha sin fada na ’s fearr na ged a bhiodh eolas cuibheasach agad air a dha. ’S e so a ni a bu mhiann leam a dhearbhadh dhuit, eadhon gu bheil e gu mor na ’s buanachdaile do neach a bhi a feuchainn ri greim daingean fhaotainn air a’ Bheurla, na bhi saoithreachadh ann (Air a leantuinn air taobh 62) [TD 60] [Vol. 8. No. 8. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 1, 1899. NITHEAN MORA ’THA ’TACHAIRT. CANADA. Tha da bhliadhna deug thar fhichead on thainig roinnean Chanada le ’cheile ’s on thoisich Canada air uachdaranachd a bhi aice thairis air a’ chuibhrionn fharsuing de America mu thuath a bhuineas do Bhreatunn. Tha e gle chinnteach gur e latha grianach, aghmhor a dhealraich air Canada ’n uair, an deigh moran dragh ’us trioblaid, a bha na roinnean air am bheil coir ’us sealbh aice, air an nasgadh ri ’cheile, agus mar so thoisich Canada air aite uasal, measail a bhi aice am measg rioghachdan an t-saoghail. Tha e gle fhior gu tainig Canada air a h-aghaidh gu cliuiteach, aghartach, on chaidh a roinnean a chur ann an daimh a cheile ann an 1867. AUSTRALIA. Is e Australia ’n t-eilean a’s modha ’tha air an t-saoghail. Tha uamhas beartais anns na h-aitean air am bheil eolas againn; oir, cha ’n ’eil ach aineolas aig an t-saoghal fathast air gach feur ’us fochann, air gach beartas ’us ionaltradh a tha ann am meadhon farsuing Australia. Tha na seadh roinnean ann an Australia ’dol a nis le gliocas gasda ann an dluth-chaoimhneas le ’cheile. Bithidh mar so faisg air ceithir muillean duine ’tighinn fo ’n aon riaghladh, ged a ghleidheas iad mar tha sinne ’deanamh ann an Canada, am Parlamaidean beaga fein anns na roinnean far am bheil iad a’ gabhail comhnuidh. Ann an uine ghearr, mar a dh’ fhaodas sinn a bhi ’creidsinn, bithidh Australia fo aon riaghladh agus cheannard. Tha iomradh air feadh an t-saoghail a nis gu bi Marcus Latharna ’na cheannard air Australia an uair a bhitheas na roinnean air an nasgadh ri ’cheile le gradh ’us eud direach, ceart. CEIN-SHANUSAIR. Tha e cinnteach a nis gu bi, ann an uine ghearr, eadar Breatunn, agus Innsean na h-Airde ’n Ear, agus Australia, ’s Ros an Deadh Dhochais, agus Canada, no thar an t-saoghail gu leir far am bheil fearann, no coir, no sealbh aig Breatunn, cein-shanusair, no comhradh ’us dluthas leis an dealanach. Is e caraid foghluimte a’ ghniomh so—an Ridir Sandford Fleming—neach air am bheil eolas maith ann an Nobha Scotia—neach aig am bheil a dhachaidh a nis nnn an Ottabha—neach aig am bheil inntinn gheur, ghasda,—neach a rinn moran maith cheana, do shoirbheachadh an t-saoghail gu h-iomlan. Thig daimh a’s fhearr agus a’s dluithe mar so eadar Breatunn aosmhor, onorach, agus gach rioghachd, ’us roinn, ’us tir ’us eilean air am bheil coir aice air feadh an t-saoghail. Tha mi fein a’ saoilsinn gu bi againn ann an uine ghearr daimh a’s blaithe ’s a’s snasmhoire, cairdeis a’s treise ’s a’s tlachdmhoire na tha againn an diugh, eadar gach neach ’us tir ’us teaghlach a tha ’g agairt cairdeis ri Breatunn. CRUGAIR. A reir gach coslais cha tig Crugair agus a luchd-comhairle gu tuigse ’us gliocas air bith a bhi aca, ’s air an aobhar so feumaidh Breatunn an claidheamh a rusgadh agus crioch a chur gu brath air ughdarras an amadain bhochd Crugair. AM MARCUS DE GALLIFET. Is e mo bheachd fein gur e Ceann-suidhe anabarrach glic ’us dileas ’us neo-sgathach a tha ann an Loubet, Ceann-suidhe na Frainge. Anns an luchd-riaghlaidh a roghnaich e fo cheann beagan uine, thug e aite cumhachdach do ’n Cheannard am Marcus Gallifet, saighdear meamnach a bha air ceann eachraidh na Frainge, aig blar fuileachdach ’us muladach an t-Seadain. An uair a rinn daoine aingidh, uamhasach na Frainge fein aramach an aghaidh an duthcha, ann an am a h-airc agus a truaighe—aramach a bu mhodha call ’us mallachadh no gach buaidh a thug na Gearmailteach thall ’s a bhos air na Frangaich—ghabh Gallifet os laimh na daoine ceannairceach, bruideil ann am baile mor na Frainge ’chiosnachadh le fudar ’us luaidh. Bha na daoine mosach so a cur rompa am baile mor a losgadh, agus am buille mu dheireadh a thabhairt airson crich a chur gu brath air an duthaich, agus air gach morachd ’us saorsa ’bha riamh aice. Tha daoine ’g radh gu robh Gallifet fuathasach cruaidh ann an ciosnachadh nan daoine aingidh aig an robh iarrtas laidir, borb, baile mor na Frainge ’losgadh agus a chur sios gu neoni. Is eagalach agus is fuileachdach a ni cogadh. Tha iadsan cosmhuil ri Marcus Shalisbuiridh airidh air cliu ’s moladh mor, a tha ’deanamh gach oidheirp a tha ’n an comas airson cogadh a sheachnadh, agus cuisean duilich a cheartachadh agus a reiteachadh, le gliocas ’us foighidinn ’us faicill. Their an ceannard gun teagamh, ’na dhion fein, gu robh beatha ’s saorsa na Frainge ach beag thairis agus seachad, an uair a thoisich na Communists—daoine aingidh, maslach na Frainge—air gach olc ’us call ’us milleadh a bha ’n an comas a dheanamh, agus mar so, nach robh aigesan, an Ceannard Marcus de Gallifet, ach an sluagh borb, leth-fhiadhaich a chur sios agus a smachdachadh, gun iochd, gun acarachd, le faobhar gorm na stailinn. Tha Gallifet an diugh a’ deanamh maith ro-mhor do ’n Fhraing. Gun eagal, gun faitcheas, le dealas ’us duinealas gasda, tha e ’tabhairt air gach ceannard uaibhreach ’us mi-onorach teachd a nuas bho ’inbhe ard, fheineil, agus geill a thabhairt gu dileas, easgaidh do laghannan na duthcha. Bi aobhar sonruichte aig an Fhraing a bhi toilichte gu bheil ceannard co comasach, direach, eudmhor ri Gallifet ag amhairc thairis air feachd ’us ceannardan na Frainge aig an am so. COINNEAMH NA SITH. Sgaoil Coinneamh na Sith anns an Olaint, agus, mo thruaighe, is gle bheag a maith a rinn e ann an crioch a thabhairt do chogadh, ’us do mhi-run, ’us do stri aingidh ’us aimhreit fhuileachdach an t-saoghail. CONA. Tha riaghladh Newfoundland an deigh fios fhaotainn o riaghladh Bhreatuinn gu bheilear a feuchainn ri tighinn gu cordadh ri riaghladh na Frainge a thaobh a chladaich air am bheil an duthaich sin ag agairt coir ’sa tha i a’ cumail o mhuinntir Newfoundland le neart airm. Tha dochas gu’m bi cuisean air an socrachadh gu ceart, agus gu fag na Frangaich Newfoundland gu buileach us gu brath. Mar dheagh chomharra air gur ann mar sin a thig crioch air na cordaidhean a thatar a dheanamh aig an am so, tha e air innseadh gu bheil soithichean cogaidh na Frainge a’ fagail Newfoundland deireadh Ogust, da mhios nas traithe na’s abhaist dhaibh falbh as. Ach a bharrachd air lan sheilbh fhaotainn do mhuinntir Newfoundland air an cladaichean fhein, bu choir do Bhreatuinn seilbh fhaotainn dhi fein air eileanan St. Pierre agus Miquelon a tha cur dragh agus call mor air Canada us Newfoundland a h-uile bliadhna. Cha’n eil ni a cumail suas muinntir St Pierre ach a mhalairt mhi-laghail ann an stuth laidir ’s an tombaca a tha iad a cur air adhart, agus mar is luaithe theid stad a chur air a mhalairt sin, ’s ann a’s fhearr do’n da dhuthaich a’s fhaisg’ orra—Canada us Newfoundland. Tha e gle iongantach gu’n do chuir Breatuinn suas leotha cho fada. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p.c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. LEABHRAICHEAN GAILIC. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. [TD 61] [Vol. 8. No. 8. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha na h-iasgairean ’s na gillean oga a glacadh moran rionnaich anns an acarsaid o chionn mios air ais. Cha robh an t-iasg sin cho pailt mu na cladaichean so o chionn aireamh bhliadhnaichean. Tha an t-Urr. I. W. MacIsaic, a Georgeville, N. S., ri bhi ’na fhear-cuideachaidh do’n Urr. Seumas Quinan, sagart a bhaile so. Tha Mr. Mac Isaic ’na shearmonaiche Gailig, cainnt a bhios gle fheumail dha ann an Sidni. Bha’n comanachadh aca ann an eaglais St. Andrew’s la na Sabaid s’a chaidh. Rinn an t-Ur. A. B. Simpson an searmon Beurla, agus an t-Ur I. F. Forbeis an searmon Gailig. Shearmonaich an t-Urr Domhnull Mac Odrum ’sa Ghailig Di-satharna. Fhuaireadh fear Seumas Mckenna air a bhathadh faisg air Charlottetown, E. P. I., oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Thatar a deanamh a mach gu’n deach e chadal air laimhrig, agus gu’n do chuir e car dheth fhein dh’ an uisge. Cha robh e ach da bhliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Chaochail boirionnach ann an Batavia, am Michigan, o chionn ghoirid, agus thatar a meas gu’m b’i a bhean bu mhotha bh’ anns na Staidean. Thomhais i sia ceud us da fhchead punnd, agus bha chiste-laidhe anns an do chuireadh i, da fhichead oirleach a leud, agus seachd oirlich fhichead a dh’ airde. Am measg an luchd-obrach a thainig do ’n bhaile ’nuair a thoisicheadh air deanamh deiseil laraich na h-obair iaruinn, thainig aireamh mhor nach robh toileach obair a dheanamh, agus a fhuair cead an coise an deigh dhaibh latha no dha a chur a stigh. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil moran dhiubh sin a nise air sgaoileadh air feadh na duthcha, a deanamh an rathaid air ais gu Halifax, ag iarraidh agus a faotainn aoidheachd ann an taighean nan tuathanach. Bu choir do dhaoine bhi air am faiceall rompa; daoine tha tuilleadh us leisg airson an aran laitheil fein a chosnadh, cha’n eil coir sam bith aig muinntir eile ’n cumail suas, no bhi toirt misneach sam bith dhaibh ’nan diomhanas. Thainig boirionnach og, d’am b’ainm Mairi Mhurphy, ri beatha fein ann an Sidni Tuath feasgar Di-luain s’a chaidh. Chaidh i mach comhla ri bana-charaid dhi a bha dol do stor, agus dh’ fhuirich i aig oisinn sraide a feitheamh gus an tigeadh i air ais; nuair a thill a bana-chompanach, cha robh ise ri faicinn. Smaoinich i gu robh i air a dhol dhachaidh, agus chaidh i dh’ ionnsuidh an taighe, ach cha robh i an sin. Bhatar ’ga h-iarraidh fad na h-oidhche mu na laimhrigean, agus trath ’sa mhaduinn fhuaireadh a corp anns an uisge astar beag a mach o’n chladach. Bha i tinn o chionn faisg air da bhliadhna, agus bhiodh goirteas cinn oirre a bhiodh gu tric ’ga cur as a rian. Cha’n eil teagamh nach ann mar sin a bha i nuair a bhath i i-fhein. Bha i ochd bliadhna fichead a dh’ aois. Bu nighean i do Edward Murphy nach maireann, agus tha a mathair, piuthar agus dithis bhraithrean dhi beo as a deigh. FAILT AIR MR. WHITNEY. Oidhche Di-mairt bha coinneamh ann an Talla na Stuaime, airson cothrom a thoirt do mhuinntir a bhaile failt a chur air Mr. H. M. Whitney, ceann-suidhe na cuideachd a tha cur air adhart na h-obair iaruinn. Bha’n oraid-fhailteachaidh air a leughadh le Mr. Crowe, ard-bhaillidh a bhaile, a toirt buidheachais do Mhr Whitney, airson na tha e deanamh anns an eilean so, a guidhe soirbheachaidh do’n chuideachd ’nan obair, agus ag altrum an dochais gu’m biodh gach ni a bhiodh eadar iad agus muinntir a bhaile ’s na duthcha ’na bhuanachd dhaibh taobh air thaobh. Fhreagair Mr. Whitney, le oraid thaitneach anns an do gheall e gach ni a bhiodh ’na chomas air son math na duthcha a dheanamh, a bharrachd air obair na cuideachd aige fhein a chur air adhart le neart mor. Tha e gus a dhachaidh a dheanamh ann an Sidni, agus mar sin bidh e mar aon de’n t-sluagh. Tha dochas aige gu ’m bi am baile air a riaghladh gu glic agus gu ceart, a chum ’s gu ’m bi na miltean sluaigh a dhoirteas a stigh ann ri linn na h-obrach, air an cumail sabhailte ’s air an saoradh o bhuairidhean a dh’ fhaodar a sheachnadh. Tha e ’g radh gu’n gabh iarunn cur air a mhargadh ann an so na’s saoire na ghabhas e ann an aite sam bith eile air an t-saoghal, agus mar sin nach e ’n obair-leaghaidh an aon obair a bhios a’ dol air adhart an ceann aireamh bhliadhnaichean, ach iomadh obair eile a bhios a cur feum air iarunn ’s air cruaidh, agus gu ’m bi Sidni ainmeil anns gach cearna dhe’n t-saoghal. Labhair e air dhoigh ’s nach b’urrainn neach a chreidsinn nach robh barrachd us a bhuanachd fhein ’san amharc aige, ach gu’m bu mhiann leis cothrom agus ceartas fhaicinn aig na h-uile. Bha Mr. Uilleam Mac Coinnich, de ’n chuideachd Mac Coinnich agus Mann, ann an siorrachd Inbhirnis air an t-seachdain s’a chaidh, ag amharc thairis air an rathad-iaruinn a tha iad a deanamh eadar Port Hawkesbury agus Broad Cove. Thainig e gu ruige Mulgrave ann an carbad dha fhein, agus as a sin ghabh e carbad each gu Broad Cove. Is Gaidheil Mac Coinnich, agus mar an ceudna ’fhear-cuideachd, Mann, a fhuair ’arach ann an siorrachd Ghlinn-a-Garaidh, an Ontario, agus aig am bheil Galig gu leor. ’Se so a cheud uair a bha Mac Coinnich ann an Ceap Breatuinn, agus thaitinn an duthaich ris gu math. Bha ’n Senator Cox, a Toronto, anns a bhaile air an t-seachdain ’sa chaidh. Tha earrann mhor de stoc Cuideachd an Iaruinn aige, agus ’s ann a dh’ amharc air na laraichean a thatar a deanamh a thainig e. Tha e dhe ’n bharail gu bheil amannan iongantach soirbheachail a feitheamh air a chearna so dhe’n eilean. Chaidh e air eis deireadh na seachdain, agus tha duil aige tigh’nn air chuairt eile an uine ghoirid. Bha an stoirm a bh’ ann am Porto Rico o chionn faisg air mios air ais, moran na b’ uamhasaiche na bha na ceud fhiosan ag radh a bha i. Bha corr us da mhile air am marbhadh leis an stoirm, agus rinneadh call cho mor air cuid dhaoine ’s gu bheil moran a basachadh gach latha leis an acras ’s leis an anacothrom a tha iad a fulang. Tha cuideachadh ri bhi air a chur ’g an ionnsuidh as na Staidean. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 62] [Vol. 8. No. 8. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 59.) am measg freumhan tioram gun toradh mar a tha a Ghailig. I.—Cha’n aontaich mi leat idir gu buileach anns a’ bheachd sin. Tha mi ’g aideachadh gu’n bu choir do neach a bhi saoithreach arson fior eolas fhaotainn air aon chainnt co dhiu. Ach cha ’n eil mi a creidsinn gu’m bu choir do neach fuireach riaraichte le aon chainnt a mhain. Oir tha buannachd mhor ri faotainn bho eolas air atharrachadh chanan. C’ar son a tha daoine cumail air chuimhne nan seann chainntean? C’arson a tha Breatuinnich, Gearmailtich, agus Frangaich ag iunnsacha na h-Eabhra, na Siriac, agus na h-Arabic? C’arson a tha oilthighean na Roinn Eorpa agus Amerca, a cumail suas na Laidiunn agus na seann Ghreugais? Is e so an t-aobhar. Tha arson a bhi cur buadhan na h-inntinn ann am farsuinneachd, a geurachadh na tuigse, agus a neartachadh na cuimhne. Tha eolas air na seann chainntean fein a cur blas nadurra air a’ ghliocas a tha r’ a fhaotainn annta. Le bhi gabhail beachd air an eadar-dhealachadh a tha eadar na cainntean, gheibh sinn sealladh air an doigh anns am bheil agus anns an robh, moran de threubhan a’ chinne-daoine ag atharrachadh bho cheile, ann am briathran agus ann a’ smuaintean. Gheibh sinn sealladh na ’s coimhlionta air eachdraidh nan cinneach, ach gu h-araidh, air ar n-eachdraidh fein. A nis tha a’ Ghailig air aon de na cainntean a tha feumail a bhi ’tabhairt fainear anns an t-seadh so; oir tha i ann an dlu-chairdeas do ’n “Sanskrit,” an canain aosmhor bho ’n do dh’ eirich an Laidiunn agus a’ Ghreugais, agus bho’n do shruth moran de’n Bhenrla fein, mu ’m bheil thu deanamh a leithid do dh’ upraid. C.—Tha mi ’g aontachadh gu’m faod earrann mhath de sin a bhi ceart. Ach nach b’ fhearr dhuinn gu mor ar goraiche ’leigeadh seachad, gu’n a bhi ’n ar cuis-ghaire aig na coigrich a leubhas m’ ar timchioll ann a’ Sasuinn agus ann an aiteachan eile? Cha’n ’eil buannachd sam bith dhuinn ann a bhi cuimhneachadh air a’ chanain bhorb sin, na air gniomharan nan daoine fiadhaich, a bha riamh a marbhadh agus a pronnadh a cheile. Leigeamaid air di-chuimhn’ iad, agus tionndaidhmid ar n-aire gu nithibh a bhios a chum buannachd. Oir dhealaichinn gu togarrach ri mo chuid Gailig, na ’n deanadh sin mi na b’ fhoghaintiche anns a’ Bheurla. I.—Am bheil thusa cuideachd air aireamh na muinntir a reiceas an coir-bhreith arson “mias de bhrochan dearg?” Tha e cur tamailt orm gu ’n tachradh duine rium a labhras a’ Ghailig, ach gidheadh a tha cho caoin-shuarach mu a beatha agus a cliu. Leig dhomh innse dhuit nach b’ ann de’n t-seorsa de ’m bheil thusa a bha na gaisgich a chum suas ar cainnt, agus a ghleidh saors’ ar duchadh anns na linntean a dh’ fhalbh. Cha b’ ann coltach riutsa bha na balaich a dh’ aobhraich nach do chuireadh a’ Ghaidhealtach riamh fathast fo smachd. Cha b’ ann coltach riutsa bha na gillean a sheas a coir aig Allt a’ Bhonnaich. Tha mi smuaineachadh nam biodh tusa beo anns na laithean ud, gu faight thu ann am measg nan cailleach agus na cloinne; ar no nan tugt idir a chum a bhlair thu, gu ’m falbhadh tu gu togarrach maille ris na naimhdean. Oir tha mi deanamh dheth gu’m biodh nair ort gu ’m faiceadh na Sasunnaich thu ag oibreachadh arson do dhuchadh. Is e sin an comhdhunadh reusanta a dh’ ionnsaidh an bheil do bhriathran ’ga ’m threorachadh. Tha e soilleir nach e Gaidheal ceart a th’ annad. Tha thu ’n a do namhaid do’n Ghailig; agus air an aobhar sin, cha’n eil e glic do Ghaidheal sam bith eisdeachd riut, na do chomhairl’ a ghabhail. Tha do leithid-sa na’s cunnartaiche do bheatha na Gailig na ni sam bith eile a tha ’g oibreachadh ’n a h-aghaidh. Ach is ann le bhi ga cleachdadh ann am fein-dhion a neartaichir cainnt nan Gaidheal. Mar sin is e mo dhochas agus mo ghuidhe gu’m bi an dream a tha eudmhor agus foghainteach air a taobh a faotainn an tuilleadh neart gus a coir a sheasamh. Agus tha mi da rireadh ann an duil, gu bheil gach Gaidheal treibh-dhireach air feadh gach cearn de’n t-saoghal mhor tre ’m bheil sliochd nam beann air a’ sgaoileadh, a miannachadh gu ’m biodh sonas agus buaidh a leantuinn, mar thoradh air saothair na muinntir sin, a tha cho duineil ag oibreachadh ann an comh cheangal ris “A Mhod Ghaidhealach.” CROMUEL. ’Nuair a thuigeadh ’an Alba cionnnis a bha Cromuel ’s a luchd-cuideachaidh a’ laimhseachadh an righ, bha sluagh na duthcha gle dhiombach. Agus chaidh cuid co fad’ ’s gu’n d’ iarr iad a dhol a chogadh an aghaidh arm Chromueil fathast. Cha robh Cinn-iuil nan Cumhnantach deonach air dol co fada sud, agus labhair na ministeirean mar le aon ghuth an aghaidh cogaidh. Ach fhuair Diuc Hamiltoin aireamh mhiltean do ’shaighdearan oga, dealasach air taobh an righ mar bha e féin, gus a leantuinn do Shasunn a chuideachadh chairdean sam bith a bh’ aig an sin. Thainig Cromuel gu h-obann air an Diùc, aig aite ris an abrar Uarsington, ’s chuir e ’n ruaig air a shaighdearaibh neo-iunnsaichte; chaidh an Diùc féin a dheanamh ’na phriosunach, ’s a ris a chur gu bas. Cha tainig ach tearc de a luchd-leanmhuinn air an ais. Ach ’nuair a chualas ’an Duneidin (Air a leantuinn air taobh 63.) SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, - - - C B A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. [TD 63] [Vol. 8. No. 8. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 62.) gu’n do chuireadh Tearlach gu bas, bha gach ard ’ns iosal air an lionadh le feirg. Rainig an naigheachd air an t-Sabaid; agus air an ath la chaidh Tearlach II., mac ’us oighre ’n fhir a chuireadh gu bas, eigheach ’na righ. Cha robh an t-oganach so ach ochd bliadhna deug a dh’aois aig an am. Bha e air teicheadh do’n Olaind roimhe sud. Ach ged a bha iad dleasdanach do’n righ, ’na inbhe fein, cha robh iad gus a ghabhail gun chumhachan. Dh’ fheumadh e a’ Chomhbhoinn sholuimte ’s an Cumhnant’ aideachadh, ’s a lamh sgriobhaidh a chur riu, mu ’n gabhadh iadsan orra fein boidean a bhi dileas dha. Chaidh teachdairean a chur da ionnsuidh air son cordaidh ris mu’n ghnothuch so. Bha Tearlach og deonach gu leor air na h-uile ni a dh’ iarr a’ Pharlamaid Albannach a dheanamh—’s e bha. Ciod an ni nach deanadh ’s nach gealladh esan, ’n uair a bhiodh sin gus a ghnothuch fein a chur air aghart? Ach bha e ’cumail a ghnothuich greis gun chur an dara taobh gus am faiceadh e ciod a thachradh do innleachd uaigneach eil’ air nach robh fios an sin. Bha e ’n deigh Montros a chur a nall do thaobh tuath Alba le sea ceud Gearmailteach, agus tearc de Rioghalaich a bh’ air teicheadh do ’n Olaind an deigh bais ’athar. Na ’n soirbhicheadh le Montros, mar bha e ’n duil, gheibheadh Tearlach air ais gu rioghachd a shinnsir gun taing do ’n Pharlamaid; gun a bhi fo Chumhnant idir. ’S mar sin ged a bha e gealltuinn nan uile nithe a dh’ iarr iad, bha e ’faotainn leth-sgeulan gu dail a chuir ’s an ni. Thainig Montros air tir ’an Arcu. Thug e air aireamh de oigridh an eilein sin gabhail ’s an arm aige. Leo sin ’s na thug e as a’ Ghearmailt, ghabh e air aghart gu tir-mor Alba. Ach choinnich oifigeach da ’m b’ ainm Strachan fo chomannda Lesli e, air iomall a tuath Shiorrachd Rois, ’s chuir e as a cheil’ a chuid shaighdearan. Theich Montros ’na aonar, ’s chuir e eudach saighdeir cumant’ air fein, gus a chur as aithne. Thug se e fein suas do Mhac Leoid Asainn, a bha air bith roimhe sin, ’na ’armailt fein. Thug Mac Leoid suas e do oifigich na Parlamaid. Bha binn a bhais air a toirt a mach air son gach olc a rinn e roimhe sin. Chrochadh e air an aona la fichead de cheud mhios an t-samhraidh, 1650. ’N uair a chuala Tearlach mar a thachair do Mhontros bha e ullamh gu ’ainm a chur ris gach Cumhnant ’us paipeir a dh’ iarradh a’ Pharlamaid. Dh’ fhag e ’n Olaind air an t-seathamh la deug de mhios meadhonach an t-samhraidh, ’s thainig e air tir aig bun amhainn Speigh, ’s ghabh e air aghart gu Sruileadh. Bha na h-Albannaich ro aoibhneach air son e thighinn. Nochd muinntir Dhuneidin gu h-araidh, gu ’n robh iad aighearach le teineachan aoibhinn a chumail a’ losgadh re na h-oidhche, ’s a bhi dannsadh timchioll orra. Bha ’m beachd fein aig Parlamaid Shasuinn mu thighinn Thearlaich. Bha Eirinn air dol troimhe so—bha i roinnte ’na buidhnibh, cuid an aghaidh, ’s cuid air taobh an righ. Chaidh Cromuel a null le dusan reisimeid, ’s an uine ghoirid cheannsaich e gu h-iomlan an duthaich sin d’a riaghladh fein. Agus a nis bha e air tighinn air ais, agus gun dail rinn e deiseil air son a leithid a dheanamh air Alba ’s a rinn e air Eirinn. Thainig e nall do Alb’ air ceann feachd shea mile deug eadar choisichean ’us mharc-shluagh. A reir nois Alb’ o shean, chaidh teine fhadadh air mullach gach cnuic o ’n chrich Shasunnaich gu Duneidin, leis an robh rabhadh air thoirt do ’n t-sluaigh gu ’n robh namhaid air bristeadh a steach air tir. Ghabh am feachd Sasunnach air aghart, a h-uile ceum gu Duneidin gun a bhi ’coinneachadh ri dad ach tir air a fasachadh—an spreidh ’s am biadh air falbh, gun ni air fhagail de ’m b’ urrainn namhaid feum a dheanamh. Ach chuireadh stad orr’ aig Duneidin. Bha Seanalair Daibhidh Lesli an sin an deigh garadh dionadh agus sreath Dhaingnichean a tharruing eadar Libht’ agus Duneidin air nach bu chomasach do Chromuel faotainn seachad. Bha e mu’n cuairt do am na Lunasdail, ’s bha moran uisg’ ann leis an robh na Sasunnaich ro mhi-chomhfhurtail air chul a gharadh. ’N uair a dh’fhairtich air Cromuel an t-Albannach a thoirt idir gu ionad tharruing lann, ’s a thoisich tinneas air lagachadh a chuid feachd, b’ éigin da pilltinn a deas gu aite ris an abrar Dunbarr, a tha fad an ear-dheas air Duneidin, ri cois na mara, far am faigheadh e biadh o’n chabhlach a bha ga leantuinn. Dh’ fhag Lesli an sin, ’ionad dionaidh, ’s lean e air sail Chromuel, ’s ghabh e sealbh air mullaichibh nan cnoc a bha os ceann an airm Shasunnaich, air sheol ’s nach b’ urrainn iad gluasad gu deas no gu tuath gun chunnart a bhi air an gearradh as. Cha b’e Lesli so Iarla Lebhen, ach fear a b’ oig’, agus saighdear nach bu mheasa. (Ri leantuinn.) SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am Feillire. SEPTEMBER, 1899. 1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644. 2 Di-satharna La Worcester, 1661. 3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis. 4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine 9 Di-satharna La Flodden, 1513. 10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis. 11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297 12 Di-mairt La Abareadhain 1644. 13 Di-ciaduin Ciad Mhod a’ Chomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892 14 Dior-daoin 15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752. 16 Di-satharna 17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis. 18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759. 19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-ciaduin 21 Dior-daoin 22 Di-haoine Da Sliabh a’ Chiamhain, 1745. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis. 25 Di-luain 26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854. 27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaolain, 1852. 28 Dior-daoin 29 Di-haoin An fheill Mhicheil. 30 Di-satharna MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F. A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F. An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. [TD 64] [Vol. 8. No. 8. p. 8] Comhradh, Mar gu’m b’ ann eadar dithisd nighean Dhomhnaill, Mac Mhic-Dhomhnaill Duibh. MAIREARAD. Thuirt Mairearad nigh’n Dhomhnaill, ’S i toiseachadh gu ciuin, A phiuthar ciod an t-ordagh, A nis mu’n deonach thu? Ma ’s ionnan duit is dhomhsa, Bi ’t oigh is gheibh thu cliu; ’S na iarr dhuit fein de sholas Ach bhith posda ris an uir. MARSAILI. ’Sin nuair labhair Marsaili, ’S bu taitneach leam a gloir; A phiuthar, ’s beag mo chiatadh Do bhriathraibh sin de bheoil. Gum b’ fhearr leam seal de mhacnas Ri mac mhic Eachainn Oig, Na bhith crabhadh mar ri sagairt Agus paidearan ’nam dhorn. MAIREARAD. Ochoin! ’s truagh an fhaosaid sin, A phiuthar ghaolach og, Meud do thoirt do ’n t-saoghaltachd, ’S nach bi sinn daonnan beo. Bu ghniomh bu mho gu cobhair riut Do leabhar a bhith d’ dhorn, Na bhith falbh air ghealltan fasaich. Gun sailm ach gairich bho. MARSAILI. Mun gabh thu fearg le ardan rium, Bidh m’ aicheadh dhuit gu mall; Ach ’s truagh am beachd a dh’ fhas annad, ’S gun t’arach am measg Ghall. Gabh fein sgeul an easbuig Th’ air ar creideamh-ne mar cheann, Dh’ fheuch an sinne ’n t-ordagh so Na ’m posadh a bhith ann. MAIREARAD. Tha iomad ni ga chleachdadh La lagh eaglais anns gach ait, Nach faigh thu anns a Bhiobull, Ged ’s e freum gach firinn’ e. ’S fearr posadh, ge b’e thogras e, Na losgadh is cuis bhais; Ach ge b’e thig gun aon diu, Bi cinnteach gur h-e ’s fearr. MARSAILI. B’ fhearr leam bhith gu catanach Le taintibh is le stor; A bhith gu taisgeach, tairbheartach, Le airgiod is le or; Bhith gu riomhach, fasanta Le pasmunn is le srol, Na bhith seargadh ri claich chrabhaidh Gun fiu a ghair, ach bron. MAIREARAD. ’S aite-gleidhte diomain ’San do chuir thu t’ uile stor, ’S gun ann ach seorsa phigeachan, ’S gum brisdear iad gu foil. ’N t-ait ’sa bheil mo thasgaidh-sa Tha glasan air do-leoint’; On tha mo stiubhart saibhir Bheir e lathail domh mo lon. MARSAILI. B’ fhearr leam bhith gu daonnachdach Ri feomaichibh gach la A bhith gu feusdach, furanach, Mar bhuineadh roimh luch-daimh’. On ’s e sin doigh bu trice Bh’ aig gach mnaoi bu ghlice gnaths, Na bhith air an gluin ag eadarghuidh’ Ri Peadar no ri Pal. MAIREARAD. A bharail a th’ aig cach ort, ’S e aobhar nair a ’s mo, Gur h-e a chum o ’n chrabhadh thu Ro mheud do ghraidh air poig. Nam biodh tu uirnceach, mosguineach, ’Cumail troid ris an fheoil, Bu deimhinn duit gun coisneadh tu An rioghachd ’s momha gloir. MARSAILI. ’N rud nach creid mo chairdean, Cha ’n fheil fath dhomh bhith ga run, ’S gur math le mnaoi ga beusaichead A ceile fein ri ’glun. ’N neach nach ith an solus rud, An conaltradh no ’n cuirt, Cha chreid na daoine glice Nach ith e rud ’sa chuil. MAIREARAD. ’S olc an smuaintinn aignidh Th’ aig mnaoi aigeallaidh do bheil, ’S a liuthad neach tha ’n cairdeas Do nach ionnan nadar bheus. Bidh barail aig a phoitear Bhios ag ol gach uair ga ’m feud, Gum bi gach ti an gradh air An dibh mar tha e-fein. MARSAILI. Bha gach neach o’n dainig sinn Gle stathail ’nan am fein; Cha bu luchd thoirt dalach iad, A bhard, no dhaimh, no dh-eisg. Bu mheasail ri am naistinn iad, An naire riamh do ghleidh; Cha’n iarrainn fein a dh’ailgheas Ach bith san aite ’sam bi iad fein. MAIREARAD. ’S deacair dhomh-s’ a raitinn riut Nach nadarra do bheus, ’S far am bi na cairdean Gur a stathail bhith d’ an reir. Gluais thusa mar a th’ agad Dh’fheuch an taitinn e riut fein, ’S cha toill mise moran diumba Airson dol ri uin ad dheidh. Duanag. Le fear an Lagain, an uair a bha e air leabaidh a bhais. LUINNEAG. Cha’n fheil feum anns a mhulad Cha’n fheil treun ris nach cuir e, Cha’n fheil feum anns a mhulad. Ailis dhonn gur mor mo ghradh ort; Gruaidh na naire ’s beul an fhurain. Tha mi ’n dochas dhiot nach taobh thu Giullan faoin nach dean do chumail. ’Iain, bi gu math do dh’ Ailis, Thoir do ghradh dh’ i a mar a bhuineas. Tha mi ’n so an seombar claraidh, ’S ge fad an dail thig an cuireadh. Tha mo dhotair ann am Brolas, ’S cha dig e gam choir-sa tuilleadh. Nam biodh fios aige mar tha mi, Mharcaicheadh e ’m mam gu h-ullamh. ’S mithich dhomhsa sgur de’m oran, Bhon tha ’n cronan ’s ann am mhuincal. ’S mor mo pheacaidhean r’ an leughadh, ’S lionmhor iad seach feur is duilleach. ’S lionmhoire na ghaineamh ghlas iad; Och, mo chreach, cha’n fhaodar fuireach. Tha mo dhochas uil’ an trocair, An Ti ghloirmhoir sin a dh’ fhuiling. Chaidh duine dubh ann an Rochelle, an staid Georgia, a chur a dh’ obair air t-sraid air son coire eigin, agus mhaoidh e gu’n cuireadh e ’m baile ’na theine cho luath ’sa gheibheadh e ma sgaoil. Beagan lathaichean an deigh sin chaidh am baile na theine cinntcach gu leor, agus chaidh gach tagh fiodha a bha ann a losgadh. Ma’s e ’n duine dubh a rinn an cron cha d’ fhuaireadh greim air fhathast. Chaidh duin’ og d’ am b’ ainm Herbert Howard, a mhuinntir Cornwall, E. P. I., a bhathadh o chionn beagan us seachdain ann an Sacramento, California. Bha e ’g obair air bord bata-smuide ’nuair a thachair an sgiorradh. Chaidh brathair dha a mharbhadh an uiridh ann an cearn eile dhe na Staidean. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 65] [Vol. 8. No. 9. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 8, 1899. No. 9. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXVI. Cha robh an t-aite anns an do chuir sinn seachad an oidhche cho sabhailte ’s bu mhath leinn idir. Ach b’ fheudar dhuinn cur suas leis. Feumaidh fear an fhalbha ’s an allabain cur suas le iomadh eis agus cruadal agus cunnart. Tha duil aig daoine nach do chairich riamh o na taighean, nach eil dragh mor sam bith aig an fheadhainn a tha dol do rioghachdan fad as a dheanamh airgid. Ach is mise a bha thall ’s a chunnaic. Thainig an dubh oidhche oirnn agus sinn ann am meadhain comhnaird cho mor ’s a chunnaic mi riamh ach ainneamh. Cha robh againn ach feuchainn ris a bheairt a b’ fhearr a dheanamh dhe na bheairt bu mhiosa. Cha robh feum againn air teine thogail; oir cha robh do bhiadh againn ach measan, agus air an aobhar sin, cha robh dad againn ri chocaireachd. Ged a bhitheadh feum againn air teine, cha fhreagradh e dhuinn a thogail. Nan tachradh gu’m biodh sealgairean a’ chruidh-fhiadhaich, no robairean faisge air laimh, bhrathadh ceo an teine sinn air an latha, agus solus an teine air an oidhche. Ach ged a bha sinn air comhnard farsuinn, fosgailte, gun fhasgadh creige no craoibhe, chaidil sinn gu trom. An fheadhain dhinn a bha ri bhith ’nar caithris, thuit sinn ann an trom chadal gun fhios dhuinn fhein, agus cha do dhuisg a h-aon dhinn gus an robh dorn dhe’n latha air a dhol seachad. Agus is docha gu’n robh sinn air cadal gu math na b’fhaide mur b’e gun do dhuisgeadh sinn le fuaim nach cuala sinn gus a sid o’n a dh’ fhalbh sinn o’n taigh. Gu fortanach dhuinn ged a dhuisg sinn cha d’ eirich sinn ’nar seasamh idir. Nan do thachair dhuinn eirigh ’nar seasamh, mar a bha nadarra gu leor dhuinn a dheanamh, is docha gu ’n tugadh a’bhuidheann mhor mharcaichean a bha mu leith mhile an taobh thall dhinn an aire dhuinn. Bha iad a’ coiseachd leis na h-eich aig an am, agus chluinnteadh an cath bruidhne a bh’aca mile air astar. Is gann gu’n tigeadh ar n-anail am mach leis an eagal. Ghrad bhuail e anns an inntinn againn gu leir nach bu daoine cneasda a bh’annta. Thuirt Tomas ruinn gu beag, gu ’m b’e ar gliocas sinn fhein a leigeadh ’nar sineadh far an robh sinn, agus gun aon fhacal a radh. Agus bha e fhein gus a bhith cumail suil orra feuch co’n rathad a ghabhadh iad. Thainig iad cho dluth dhuinn ri cairteal a’ mhile. Ged nach robh mise ’g am faicinn, bha mi cluinntinn am fuaim a bha casan nan each a’ deanamh a’ dol troimh ’n fheur. Gu fortanach, ghabh iad seachad oirnn gun an aire a thoirt dhuinn. Bha sinn an duil gu’n leanadh iad rompa, ach an aite leantail rompa, is ann a stad iad mu mhile an taobh an ear dhe’n aite anns an robh sinn. An uair a leig iad as na h-eich, dh’ fhadaidh iad teine, agus thoisich iad ri deasachadh bidh. Cha bi a’ chuirm gun a comhradh a bh’aca. Ach tha amhrus laidir agam nach b’ann dhe na taghaidh a bha na naigheachdan a bha cuid dhiubh ag innseadh. Bha’n t-side ciuin, briagha, agus am feothachan gaoithe a bh’ann, bha e toirt fuaim na gaireachdaich agus nam mionnon gu soilleir gu ar cluasan. Cha robh coltas cabhaig sam bith orra, agus bha fior eagal oirnne gu ’n fanadh iad far an robh iad gu feasgar. Bha sinn a’ gabhail fadachd gu leor nach robh iad a togail orra ’s a’ falbh feuch am faigheamaid eirigh as an aite ’san robh sinn ’nar suidhe. Mu dheireadh thall, an uair a bha sinn an deigh seachd fadachdan a ghabhail, chunnaic sinn iad a’ deanamh deiseil gu falbh. An uair a bha iad deiseil mharcaich iad air falbh le luaths a bha ’cur ioghnaidh oirnn. An uair a chaidh iad as ar sealladh, choisich sinn a null a dh’ionnsuidh an aite anns an robh iad, feuch an rachadh againn air a dheanamh am mach ciod an seorsa dhaoine a bh’annta. Bha Tomas am comhnuidh ag radh ruinn, gu’n rachadh aig duine beachdaidh geur-chiseach air moran fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn, dhaoine, nan gabhadh e beachd air a bhiadh a bhiodh iad ag itheadh, agus air mar a dh’ fhagadh iad na sgeinean ’s na forcan, na cupannan ’s sasairean, agus na soithichean eile a bhiodh air a’ bhord an uair a dh’ eireadh iad o’n bhord. Tha mi lan chreidsinn gu’n robh e ag innseadh na firinn; oir, comhladh ris gach obair eile a dh’ fheuch e, bha e greis ’na ghille-buird ann an taigh-osda cho mor ’sa bh’ ann an Eirinn. Ach, mar a bha e fhein ag radh, cha robh e furasda dheanamh am mach ciod an seorsa dhaoine a bhiodh a’ suidhe aig biadh air blar lom ann am meadhain fasaich. Ach an uair a rainig sinn far an do ghabh iad am biadh, thuig sinn rud no dha mu’n deidhinn air nach robh fhios againn roimhe. Anns a’ cheud aite, dh’aithnich sinn gu’n robh iad gu tilleadh air ais an uine gun bhith fada; oir bha cuid mhor dhe na nithean a bhiodh feumail dhaibh air son an turuis ann an sid. Agus cha b’ urrainn duinn a chreidsinn gu’m fagadh iad biadh is deoch, agus iomadh ni eile air comhnard lom fasaich, mur biodh iad suidhichte gu’n tilleadh iad air ais an uine gun bhith fada. Thuirt Tomas ruinn, gu’n faodamaid ar diol dhe’n bhiadh ’s dhe’n deoch a ghabhail o’n a bha sinn fann, acrach; ach thuirt e ruinn, gu ’m feumadhmaid feuchainn ris a h-uile cabhag a dheanamh air eagal gu’n tigeadh torachd oirnn mu’m faigheamaid a dhol astar gu leor air falbh. Ghabh sinn earann mhath dhe na bh’ ann de bhiadh, agus dh’ ol sinn an deoch laidir gu leir. Gu dearbh cha do bhlais mi fhein air deur dhith; oir, ged nach robh mi riamh am muigh ’s am mach an aghaidh deoch laidir a ghabhail, bha de thuigse agus de ghliocas annam na sheachnadh i an uair a shaoilinn a dheanadh i cron domh. Air an latha ud, cha bhiodh an deoch laidir a chum feum sam bith do dh’ fhear seach fear dhinn. Bha’n t-side anabarrach blath, agus bha sinn air bheagan bidh fad na madainn ud agus na h-oidhche roimhe sid. Ach thraigh na fir eile gach searrag a fhuair iad lan. Ach cha ’n fhoghnadh so leotha. Mar a bha iad leis an olc, lion iad gach searrag le uisge a chum fealag a thoirt as na daoine. Aig an am bha eagal gu leor ormsa gu’m faodadh so cron gu leor a dheanamh dhuinn air a’ cheann mu dheireadh. Gun dail sam bith thug sinn ar n-aghaidh air an aird iar-dheas—an taobh as an d’ thainig na marcaichean. An uair a dh’iarr Tomas oirnn so a dheanamh, bha amhrus againn nach b’e comhairle na corach a thug e oirnn. Dh’aithnich e anns a’ mhionaid gu’n robh sinn ann an teagamh mu dheidhinn a chomhairle ghabhail, agus thuirt e ruinn, “Ma ghabhas sinn rathad sam bith eile lorgaichidh iad am mach sinn an uine gun bhith fada, oir chi iad larach ar casan a’ dol troimh ’n fheur; ach ma leanas sinn a’ cheart cheum air an d’ thainig iad fhein, cha’n urrainn daibh ar leantuinn air ar luirg.” Ghrad thuig sinn gu’m b’e ar gliocas deanamh mar a bha Tomas ag iarraidh oirnn. Le ceum sunndach, cabhagach ghabh sinn air aghart. Bha sinn ag amharc ’nar deigh agus air gach taobh dhinn air eagal gu’n tigeadh torachd oirnn air taobh sam bith. Mu dheireadh thainig sinn gu aite ann an robh am fearann na b’ airde agus gu math na bu luime, agus bhrist sinn bhar an rathaid a dh’ionnsuidh na h-airde an iar. Ged a leanadh na marcaichean air ar toir air an rathad so, cha bhiodh e aon chuid furasda dhaibh ar lorg a leantuinn, no idir marcachd le cabhaig; oir bha am fearann car neo-chomhnard, agus bha badan mora de phreasarlach coille ann. An uair a choisich sinn astar math troimh ’n aite ud, thainig sinn ann an sealladh monaidh a bha gu math ard. Rinn sinn direach air, oir bha sinn aig an am a’ teannadh ri fas sgith agus acrach. Rud eile dheth, bha sinn ’g ar deanamh fhein cinnteach gu’m faigheamaid anns a’ mhonadh ud aite anns an gabhamaid fois gu sabhailte fad na h-oidhche. Anns a’ mhonadh so fhuair sinn measan gu leor a bha cho fallainn ’s cho blasda ’s cho neartar ’sa dh’iarramaid. Thug so toileachadh dhuinn, agus bha feum againn air, oir bha sinn air thuar ar misneach a chall gu buileach. Bha triuir no cheathrar dhe na seirbhisich a’ maoidheadh falbh taobh eiginn agus ar fagail ann an sid. Tha mi ’lan-chreidsinn gu ’n robh iad air falbh gun teagamh nan robh iad a’ smaointean gu’n rachadh aca air faighinn gu sabhailte as an aite anns an robh iad. Ach bha fhios aca gle mhath nach robh gnothuch bu ghlice dhaibh fhein agus dhuinne na seasamh gu duineil gualann ri gualainn, agus feuchainn ri faighinn as a’ chunnart anns an robh sinn cho math ’s a dh’ fhaodamaid. Air an fheasgar ud, an deigh dhuinn ar n-anail a leigeadh, agus deisealachd a dheanamh air son gabhail mu thamh, thug Tomas comhairle oirnn. Thuirt e ruinn gu’n robh e deimhin nach b’fhada gus an ruigeamaid aite anns am faigheamaid pailteas dhe’n or, agus mu’n tigeadh ceann na bliadhna gu’m biomaid uile gu sabhailte air ar n-ais anns an aite as an d’ fhalbh sinn. [TD 66] [Vol. 8. No. 9. p. 2] Ged a dh’ eisd sinn uile gu foighidneach ris na thubhairt e ruinn, tha amhrus laidir agam nach d’ thug fear seach fear dhinn moran creideis dha. Ach o’n a chaidh sinn cho fad air ar n-aghart, chuir sinn romhainn nach tilleamaid ’s a’ bheath annain. Anns an t-suidheachadh inntinn so ghabh sinn mu thamh, agus o nach do chuir creutair sam bith faragrach oirnn, chaidil sinn gu trom gus an robh an latha geal ann. (Ri leantuinn.) LATHA MOR ’SAN SGIREACHD. Oraid Eoghain Oig. Tha an eachdraidh a leanas, air taghadh ministeir ann an aon de sgireachdan na Gaidhealtachd, air a sgriobhadh le “Fionn,” fear de sgriobhdairean tapaidh na h-Alba, air am bheil ar leughadairean a cheana eolach. Cha’n eil teagamh nach eil an eachdraidh air a h-innse cheart cho dona ’sa bha i; tha sinn an dochas gu bheil co-dhiu. Ach tha e soilleir gu bheil a cheart ni a tha gu tric a dol air adhart anns an duthaich so fhein a dol air adhart anns a Ghaidhealtachd—a taghadh mhinistearan air son choithionalan Gaidhealach aig nach eil eolas air a chainnt sin no baigh sam bith rithe. Ged nach aontaich sinn ris gach ni a tha “Eoghan Og” ag radh, ’se ar beachd gu cinnteach gu robh ’n ceartas air a thaobh, agus gu robh lan choir aige air a bheachdan a chur an ceill.— ’Se Eoghan Og am balach! Tha mise ’g radh riut nach robh teallsanach riamh anns a’ Ghreige no anns an Roimh a thigeadh ann an uisge na stiurach aige. Tha iad ag radh nach diult peann breug. Faodaidh sin a bhi fior, buidheachas do Ni Math cha d’ fheuch mi fein ri deuchainn a chur air firinn an t-sean-fhacail, bu leoir leam an drasda na ’n cuireadh mo pheann a sios an fhirinn fhein. Ach nach faoin a bhi bruidhinn; cha ’n eil teanga no peann a’s urrainn luaidh air na chunna ’s na chuala mi fhein ’s am Muillear Ban ann an Eaglais na sgireachd air feasgar Di-luain sa chaidh. Ach, fhir mo chridhe, feuchaidh mi ri innseadh dhuit mar “a chaidh an cal a dh’ olaidh air na bodaich ghallda”—mar a chaidh do chuisean anns an sgireachd so o’n a sgriobh mi dhuit mu dheireadh. Mar a dh’innis mi dhuit bha Maighstir Domhnull a Cill-na-tunnaig ri searmonachadh Di-domhnuich, agus chuir Eoghan og cagar am chluais feasgar Dhi-satharna gu’n robh an seann duine coir ri facal math a chuir a stigh as leth na seana-chanain agus gu’ m bu choir dhomh a bhi lathair. Thaghail mi air a’ Mhuillear Bhan maduinn Dhi-domhnaich, agus chaidh e leam a dh’ eisdeachd Mhaighstir Domhnull. Mu’n gann a thug e mach a cheann-teagaisge,—“Bi misneachail, agus biomaid gaisgeil air son ar sluaigh agus air son bhailtean air De; agus deanadh an Tighearna an ni a ta maith na shuilibh” (II. Samuel x., 12) chunnaig mi fhein Eoghan Og a caogadh ri Aonghas Og, a thug suil gheur air Domhnull an Tuairnear. Theid mise ’n urras gu ’n do rinn Maighstir Domhnull searmoin ghleusta. Dh’innis e cho feumail ’s a bha e do dhaoine bhi misneachail; gun misneach cha robh e comasach a bhi gaisgeil, ach le misneach is gaisge bha e comasach do dhaoine gniomhan a dheanadh a bhiodh a chum gloir Dhe, agus am math fhein. Bha e nadurra do dhaoine an sluagh fein a chur air thoiseach air na coimhich—bu bhlath anail mathar, agus bu duth ’s bu dual do dhaoine blathas a nochdadh do chainnt am mathar ’s de naisinn na dùthcha. Bha e mar fhiachaibh air daoine an sluagh fein ’s an canain mhathaireil a chur air thus ’s air thoiseach air gach fine eile, ’s air gach cainnt fo ’n ghrein. Bha daoine cho dan an nis ’s gu’n robh iad a faotainn coire do’n Chruithear a chionn gu ’n tug e barrachd is aona chanain do shluagh an t-saoghail. Bha na daoine ladurna so ’sa bheachd nach bu choir ach an aona chainnt a bhi air an talamh—b’e sin a reir am barail-san, a Bheurla. Cha robh cuimhn’ aig na seoid so nach robh a’ Bheurla idir sean, ’s nach robh innte ach canain a bha air a deanadh a suas le daoine as gach cainnt eile, mar a bha Gaidhlig, Laideann, Fraingis, agus Greugais. Cha b’ionnan ’s a’ Ghaidhlig a bha foirfe fiorghlan, ’s cho sean ris a cheo. Sin agad mar a chaidh an seana bhodach coir air aghaidh. Chord e ri Eoghan Og ’s ri luchd-leanmhuinn gu gasda. Aig deireadh na seirbheis dh’ ainmich e gu’n robh an co-thional ri cruinneachadh Di-luain a chluinntinn iomradh o ’n bhuidheann-thaghaidh agus a roghnachadh ministeir air son na sgireachd. Sparr e air gach neach a bhuineadh do’n eaglais a bhi lathair oir cha bu ghnothach suarach ministear freagarrach a thaghadh. Fhir mo chridhe! thainig feasgar Di-luain ’s theid mise ’n urras nach do dhi-chuimhnich an co-thional an earail a fhuair iad Di-domhnaich. Bha gach beag is mor, sean is og ’s an sgireachd cruinn—tha mise gradh riut gu’n robh cuid a sud nach do chuir dragh air eaglais o chionn “bliadhna-na-braoisg”—mar a tha Alasdair-na-cois-fhearna, Ceit Iain Mhoir, Cailein-nan-breug, agus Dughall Rothach. Thainig Maighstir Domhnull, agus a stigh ghabh sinn. Eadar an da dhorus chuala mi fhein Aonghas Og a cur cagar ann an cluais Eoghain Oig—“Tha mise dol gu taobh thall na h-eaglais, ’s ged chluinneas tu mi a cur cheistean tual, cearbach na gabh diog ort”—’s chaidh iad a stigh—an darna fear a gabhail an dorus dheas, ’s am fear eile an dorus chli. ’Nuair a chaidh am Muillear Ban ’s mi fhein a stigh, bha’n eaglais loma lan. Bha a bhuidheann-thaghaidh ann an aite-suidhe nam foirfeach, an Sasunnach na shuidhe eadar an Drobhair cam agus Rob nan con, agus Fear an Tuim eadar an maighstir-sgoil ’s an Lighiche. Tha mi tuigsinn gu’n do shaoil na “coimhich” (mar a bhaist Eoghan Og ceannardan na buidheann thaghaidh) ’n uair a chitheadh Maighstir Domhnull Fear an Tuim, an Sasunnach, agus am bodach Gallda a Eadarlinn, a lathair gur ann am Beurla a ghiulaineadh e air aghaidh obair an fheasgair, ach ma chunnaic an duine coir iad, cha do ghabh e diog air, ’s cha do ghabh e diog air, ’s cha do mheas e gun robh e fo chomain dhaibh ’n uair thug e mach “Salm Sheumais a Ghlinne”— “Tagair, a Dhia, ri luchd mo stri; Cuir cath ri luchd mo chath.” —Salm xxxv. 1. Chuir so spleadhnas air a’ Mhaighstir-sgoil ’s thug e suil mhiobhail, mhi-chiatach air an fhear a bha ’sa chrannaig. Chuir an Sasunnach a choragan ’na chluasan, ’s chagain bodach Eadarlinn fheusag gu ruighinn teann. Nuair a bha’n t-Salm seachad rinn Mr Domhnull urnuigh ghleusta anns an tug e moran seolaidh do’n cho-thional ciod a bu choir dhaibh a dheanamh. An sin dh’ ainmich e gu’m b’e ’n ath ni “Iomradh na Buidheann thaghaidh” fhaotainn, ach ma bha ceisd aig neach air bith ri chur b’e so an t-am. An sin dh’eirich Aonghas Og, ’s ag amharc cho neo-chiontach ris an uan, agus dh’ fheoraich e—“An sgireachd Ghaidhealach i so, agus a bheil e mar fhiachaibh air ministeir na sgireachd Gaidhlig a shearmonachadh?” “Ud, ud Aonghais,” fhreagair a ministear, “ciod a chuir ad cheann nach ann Gaidhealach tha’n sgireachd so? Gun teagamh feumaidh e Gaidhlig a shearmonachadh.” “Tapadh leibh,” arsa Aonghas Og, ’se ’g eiridh a rithisd, “ach an innis sibh so dhomh—a bheil e mar fhiachaibh Beurla a shearmonachadh?” “Is ceisd eile sin,” fhreagair Maighstir Domhnull coir, ’s e cuir air a speuclairean—“Ma tha buidheann ceangailte ris an eaglais nach tuig a’ Ghaidhlig bhiodh e ceart agus cubhaidh gu’m biodh uidheamachadh air a dheanamh air an son-san, ach mur eil sin mar sin foghnaidh dha searmonachadh ann an Gaidhlig. Na’m faiceadh tu aghaidh a’ Mhaighstir-sgoil agus an Lighiche ’nuair a bha Aonghas a cur nan ceistean—cha robh boinne folla nan corp nach deachaidh na’n ceann. Dh’eirich a nis Domhnull an Tuairneir a dh’ fheoraich an robh e mar fhiachaibh orra gabhail ri roghainn na buidheann-thaghaidh. “Cha’n eil,” fhreagair am Ministeir, “ach ma tha iadsan aon-sgeulach, ’s nach gabhar ri ’n roghainn, tha e nochdadh nach ’eil earbsa aig a cho-thional ann an comas-taghaidh na buidheann a chaidh a chur air leth airson an aobhair so.” “Air a shon sin dheth, cha chuir e cualag orm,” fhreagair Domhnull ’se suidhe sios. Co bha na shuidhe air beulaobh Aonghais ach Lachunn Faoin, agus mar do mheall mo shuilean mi chunnaic mi Aonghas a cur cagar an cluais Lachainn, agus ann an tiota bha Lachunn bochd air a bhonnaibh. “A Mhinistear! a Mhinistear,” arsa Lachunn, ’sa shuilean a lasadh na cheann,—“co dhiu a thainig sinn a so a thaghadh Ministear sgireachd no a sholaradh cliamhuinn do ’n bhodach Ghallda tha’n Eadarlinn?” Bha fiamh a ghaire air Maighstir Domhnull ’n uair a fhreagair e gu seimh—“Na cuireadh sinn curam ort a Lachainn, a laochain, fuirich ’s chi thu.” Chuir so crioch air na ceistean agus ghairm am Ministear air a’ mhaighstir-sgoil, a bu run-chleireach do ’n bhuidheann-thaghaidh, Iomradh na buidheann a leughadh. Rinn am maighistir-sgoil so agus b’e brigh a sgeoil gu’n robh iad aon sgeulach ann a bhi ’g iarraidh air a cho-thional gairm a thoirt do ’n Urramach “Alfred George Gordon Webster.” Dh’ eirich Fear an Tuim agus ars’ esan ann an Beurla—“Tha mise gluasad gu’n gabhar ris an Iomradh so. Leis gu bheil sinn aon sgeulach cha’n eil feum air tuillidh a radh.” An sin dh’eirich an Sasunnach mor agus ars’ esan—“I say ditto to the Laird.” Mu’n d’ fhuair am Ministear uine air facal a radh, dh’eirich am maighstir-sgoil agus ars’ esan—“Tha mi ’n dochas ma tha tuillidh bruidhinne ri bhi ann, gur ann am Beurla a bhitheas i, chionn tha feadhain a bhuineas do’n cho-thional so aig nach ’eil Gaidhlig.” “Tha mise cur m’aonta ris a sin,” ars’ an Lighiche, tha Gaidhlig gu leor agam fhein ach tha fhios agam gu bheil a so uaislean nach tuig a’ Ghaidhlig.” An sin dh’ eirich Maighstir Domhnull agus seorsa frionas air agus ars esan—“Gus a so ghiulain sinn air aghaidh cuisean ann an cainnt na sgireachd, agus cha ’n ’eil mise dol a chur glas-ghuib air naistinn na sgireachd. Tha cead aig gach duine labhairt anns a chanain a’s docha leis. A bheil an co-thional a gabhail ri Iomradh na buidheann-thaghaidh no nach ’eil? Cha robh suil a bha ’san eaglais nach do thionndaidh an taobh a bha Eoghan Og, chas a’ Maighstir-sgoil ’fhiaclan, chagain an lighiche ’iongan, dh’ eirich Eoghan Og, agus ars’ esan air a mhin shocair, cho stolda ’s ged a bhiodh e anns a mhuilean no ’s a cheardaich—Fhir na cathrach, agus a luchd-duthcha—Tha mi meas gu bheil e mar fhiachaibh orm facal no dha a radh aig an am so agus iarraidh air a cho thional so cul gu buileach a chur ri Iomradh na buidheann thaghaidh. Cha ’n ann gu’n aobhar a tha mi ’g iarraidh oirbh so a dheanadh, agus le ’r cead feuchaidh mi ris na h-aobharan sin a chur f’ar comhair gu h-aithghearr ann an Gaidhlig chruaidh choimhlionta—canain bhlasda na sgireachd ’s an do rugadh ’s an do thogadh sinn. An ainm a cho-thional [TD 67] [Vol. 8. No. 9. p. 3] so tha mi toirt taing dhuibhse a Mhaighstir Domhnull airson a’ chothrom a thug sibh do ’n chanain aosda anns an do rinn ar n-athraichean aoradh anns an sgireachd so, anns na linntean a chaidh seachad. Chaidh innseadh dhuinn barrachd is aon uair, gu bheil a’ bhuidheann thaghaidh aon-sgeulach agus air an aobhar sin gu ’m bu choir dhuinn gabhail ris an Iomradh aon-sgeulach so gun ghuth mor gun droch fhacal. Is boidheach da-rireadh a bhi faicinn bhrathraichean a chomhnuidh a ghnath an sith ’san ceangal caoin, ach faodar an t-sith fhein a cheannach tuilleas daor, agus faodaidh “aon-sgeulachd” a bhi air a choisneadh ann an doigh no dha. Chuala sinn uile mu “Chreideamh a’ bhata-bhuidhe,” ’s bha e narach gu leoir, ach cha robh e idir cho tamailteach thruagh ris an aon-sgeulachd a tha air a cheannach le airgiod agus le or, seadh no le curainn dhearg. Is sgireachd Ghaidhealach so—cho Gaidhealach ris an fhraoch—tha dhith oirnn ma ta, mar mhinistear, fior Ghaidheal—lan duine—aig am bi pailteas Gaidhlig, a labhras i anns gach bac is bealach gun fhiamh gun naire, oir tha gu leoir anns an sgireachd so aig nach ’eil aon lan beoil de Bheurla. Nis cha ’n ’eil mise dol a radh facal an aghaidh a Ghoill a thatar toileach foirneadh oirnn mar mhinistear Gaidhealach. Faodaidh e bhi na dheadh Ghall, ach cha Ghaidheal idir e—cha bheo na thuigeas a Ghaidhlig, agus cha ’n urrainn e baigh no tlachd a ghabhail ann a bhi labhairt canain anns a bheil e cho eiginneach, lapach oir cha bhi uair a dh’ fheuchas e ri Gaidhlig a bhruidhinn nach tog e gaire-magaidh na aghaidh fhein. Cha ’n abair mi ’n corr mun ghiollan mhaoth so—tha barrachd ghliocais ann an ceist Lachainn Fhaoin na chreideas sibh. Chi sinn! A nis facal no dha mu ’n bhuidheann aon-sgeulach so. Is fheudar gu’n robh sinn uile ’nar cadal ’nuair a chaidh na seoid so a thaghadh, oir tha cuid dhiu aig nach ’eil cuid no gnothach ris an sgireachd no ri eaglais ar n-aithraichean agus tha feadhain eile ann agus an deigh dhaibh aite agus inbh a choisneadh troimh ’n Ghaidhlig cha luaithe fhuair iad na bha dhith orra na thug iad breab ’s a’ bhuaraich ’s rinn iad dimeas air cainnt am mathar agus tair air canain an athraichean—dhi-chuimhnich iad gu buileach a’ charraig as an do shnaidheadh iad. AM MAIGHSTIR-SGIOL.—Fhir na cathrach feumaidh Eoghan Og ’fhacal a dhearbhadh. Rinn e cheana dha no tri chasaidean nach ’eil fior. EOGHAN OG. Cha robh mi dol a thoirt a leithid de thamailt do ’n Mhaighstir-sgoil agus d’ a chairdean ’s gu’n ainmichinn duine seach duine, ach chuir e fein gu dulan mi agus bitheadh a choire air a cheann fhein. Bithidh aithreachas air a’ Mhaighstir-sgoil gu’n do dh’iarr e orm m’ fhacal a dhearbhadh. Faiceadhmid mata co iad na priomh dhaoine anns a’ bhuidheann-thaghaidh so. Aig ceann na buidhne tha Fear an Tuim. Ged a rugadh ’s a thogadh e anns an sgireachd ma’s fhior e fhein cha’n eil facal Gaidhlig aige—is math dha a nochd ma tha sin fior. Tha fhios aig Dia ’s aig daoine air an tair a rinn esan air eaglais na h-Alba agus air creideamh ’athraichean. Chaidh e fhein ’s am fear nach mairionn—am Ministear Mor—thar a cheile mu thogail ballachan a chladh, agus a chionn gu’n do chuireadh an ruaig air mu ’n chuis, cha b’ fhiu ’s cha b’ fhiach leis ach Eaglais Shasunnach de dh’iarrunn caisreagach a chur air bonn ann an slugan a’ ghlinne. Fhuair e ministear a Sasunn; ’s b’ fheudar d’a luchd-oibre eaglais na sgireachd fhagail agus dol a dh’ eisdeachd Beurla chruaidh Shasunnaich. Thainig an geamhradh ’s theab h-uile duine meileachadh leis an fhuachd anns an Eaglais iarruinn. ’S e bh’ ann gu’n d’ fhuaraich eud, no diorras Fir an Tuim agus sguir e dhol an eaglas agus cha robh an corr fada a leanailt eiseimpleir, agus ann an uine ghoirid phaigh e dheth am ministear, agus gu dearbh ’s ann air an duine bhochd a bha neul an acrais an latha dh’fhag e’n sgireachd. Tha’n eaglais sin a nis na h-aite-comhnuidh aig na gobhlain-ghaoithe ’s aig na h-ialtagan. O’n latha chuir Fear an Tuim agus am Ministear mor a mach air a cheile gus a nochd cha do chuir e chas taobh stigh de dhorus eaglais na sgireachd. So an duine th’air ceann na buidheann aon-sgeulach so a tha a taghadh ministear air son na sgireachd. Ach ciod a choir a th’ aig Sasunnach mor na seilg air a bhi air clar a cho-thionail so. Cha’n eil e anns an sgireachd ach da mhios ’sa bhliadhna agus cha’n fhacas riamh gus a nochd ’san edglais e. Cha ’n e sin a mhain, ach a chionn nach fhaigh e gillean a dhol leis a chum na seilg air an t-Sabaid tha e dol do’n Doire mhor agus a marbhadh ceolraidh bhinn na coille, na h-eoin bhoidheach cheillearach, air feasgair na Sabaid. Thigeadh e dhuinn gabhail ri roghainn an duine so; ’sann aige fhein a tha choir air ministear a thaghadh. AM MAIGHSTIR-SGOIL—Tha e fuireachd anns an sgireachd aig an am, ’s tha coir aige air a bhi air clar na h-eaglais. EOGHAN OG—Is annasach an teagasg so. Tha an Ceard Siosalach a chomhnuidh ’s an Uaimh-mhor, agus is eolach air sinn seach air an t-Sasunnach so, ’s cha do chuir am Maighstir-sgoil air clar na h-eaglais esan. Is cam ’s a’s direachd an lagh so da-rireadh. Ach ciod a their mi mu’n Ghall tha’n Eidearlainn? Tha fhios aig a’ Mhaighstir-sgoil cho math ri duine ’san sgireachd gur ann an sgireachd Chill-ma-thunnaig a tha Eidearlainn ’s nach ann ’s an sgireachd so idir ach tha esan air thuis ’s air thoiseachd ann an taghadh ministear airson na sgireachd so ged nach eil aona chuid aite-suidhe aige anns an eaglais no plodach anns a chladh. Cha ’n ’eil facal Gaidhlig aige fhein no’n Sasunnach agus tha iadsan ga ’m meas fein murrach air ministeir Gaidhealach a thagadh. Am foghainn sin, no am feinn mi m’ fhacal a dhearbhadh mu’n fheadhain a rinn faradh de’n Ghaidhlig agus na dheigh sin a thilg ’san eabar i. ’Nuair a bha Maighstir-sgoil agus Lighiche a dhith air an sgireachd, b’e h-aon de na cumhantan gu’m biodh Gaidhlig aca le cheile, a chionn gu’m b’i chanain sin cainnt naisinn na sgireachd. Am measg an da bhanal a thairg iad fein bha am Maighstir-sgoil agus an Lighiche air a bheil sibh uile eolach. Cha robh iad fada a so ’n uair a dh’fheuch iad ris a’ Ghaidhlig a ghraineachadh as a sgoil agus as an eaglais. Cha bhruidhinn a h-aon dhiu i ach cho ainmig ’s a dh’ fhaodas iad ’s cha ’n fhiach leo tighinn a dh’ eisdeachd searmoin Ghaidhlig; so curraidhean na Gaidhlig a tha dol a dh’ fhoirneadh ministeir Gallda air an sgireachd. An abair mi an corr no am foghainn na thubhairt mi. Cha’n fhiach leam mo theanga shalachadh mu bhi bruidhinn mu na caillteannaich bhochda eile a bha air a’ chomunn thaghaidh. Cha robh do mhisneach aig a h-aon dhiu na sheas a suas air son na aona chainnt a bh’aca, a Ghaidhlig. Ach cha ’n abair mi ’n corr oir ma tha gach sgeul fior cha d’ fhuair iad riamh an cothrom. ’S iad na Goill na Sasunnaich ’s na Pharsaich a rinn an taghadh “aon-sgeulach” so, agus da rireadh “is math gu’m foghainn im odhar do chabhraich.” Tha mise ma ta ag iarraidh oirbh cul a chur ri iomradh na buidheann-thaghaidh. Shuidh Eoghan og, agus shaoileadh tu gu’n itheadh am Maighstir-sgoil san Lighiche e. Gu’n tuille radh no dheanadh chuir an co-thional cul gu buileach ri taghadh nan “cinneach” agus chuir iad budheann ur air leth, agus Eoghan Og air a ceann, gu ministear a thaghadh. ’Se mo bheachd gu’n robh Mhaighstir Domhnull coir lan thoilichte leis mar a chaidh cuisean ach tha Fear an Tuim, am Maighstir-sgoil san Lighiche an run na biodaig do Eoghan og, ach cha chuir sin cualag air Eoghan, oir ma ’s coma leis an Righ Eoghan is coma le Eoghan co dhiu. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. X. Cho luath ’s chaidh a’ bhanaltrum a steach do’n t-seomar anns an robh nighean an righ, thuirt i, “A bhaintighearna, cha ’n e boirionnach a thug mi steach idir. Is e th’ ann Marsabhan mo mhac ann an deise boirionnaich. Tha e air ur-thighinn a duthaich fad as. Tha toil aige failt a chur oirbh; agus tha dochas agam gu’n toir sibh a dh’ urram dha na leigeas sin leis. “Ciod e tha thu ’g radh! Mo bhrathair Marsabhan. Trobhad an so, agus cuir dhiot an srol sin; oir faodadh piuthar is brathair amharc air a cheile gun srol a bhith air an aghaidhean.” Chuir Marsabhan failt air nighean an righ le mor urram; agus mu’n gann a chuir e failte oirre, thuirt i, “Tha mi ro aoibhneach d’ fhaicinn air tilleadh dhachaidh ann an deadh shlainte, an deigh dhut a bhith moran bhliadhnachan air falbh. Ach cha do chuir thu fios dhachaidh o dh’fhalbh thu cia mar a bha cuisean a’ dol leat, cha do chuir eadhoin gu do dheadh mhathair.” “A bhaintighearna,” arsa Marsabhan, “tha mi anabarrach fada ’n ’ur comain air son bhur caoimhneis ann a bhith cho toilichte m’ fhaicinn air tilleadh dhachaidh ann an deadh shlainte. Bha dochas agam gu’n cluinninn cunntas na b’ fhearr air bhur slainte fhein na chuala mi o ’n thainig mi. Ach tha mi toilichte gu ’n thainig mi ann an am gus an leigheas sin a thoirt dhuibh air am bheil feum cho mor agaibh. Agus ged nach deanainn a dh’ fheum gu brath leis na fhuair mi de dh’ fhoghlum, agus na shiubhail mi dhe ’n t-saoghal ach sibhse leigheas, bhithinn tolichte gu leor.” An uair a thuirt e so, thug e ’leabhar as a phocaid agus nithean eile a bhiodh feumail dha gus nighean an righ a leigheas o ’n ghalair a chual’ e a bha oirre. An uair a thuig nighean an righ an ni a bha ’na bheachd, thuirt i, “A bhrathair, am bheil thusa air aireamh na muinntir a tha creidsinn gu’n deachaidh mise as mo rian? Na bi ’creidsinn a leithid de sgeul. Eisd riumsa, agus tuigidh tu gu’m bheil mo thur ’s mo chiall fhathast agam.” An sin thoisich i air innseadh dha a h-uile ni riamh o thoiseach gu deireadh. Cha do chum i an ni bu lugha dhe na thachair dhi ann an cleith air. Mu dheireadh thuirt i, “Tha nithean ann nach urrainn domhsa thuigsinn, agus is e sin a thug air daoine a bhith creidsinn gur ann as mo chiall a tha mi. Ach nan ’d thug iad cuisean gu ceart fa near, dh’ fhaodadh iad a thuigsinn nach d’ innis mise facal dhaibh ach an fhirinn.” An uair a chuir nighean an righ crioch air na bha aice ri radh, ghabh Marsabhan ioghnadh mor. An uair a bha e greis ’na thosd, agus a shuil air an lar, thog e ’cheann agus thuirt e, “Ma tha cuisean mar a tha sibh ag radh—agus cha ’n ’eil aobhar agamsa (Air a leantuinn air taobh 70) [TD 68] [Vol. 8. No. 9. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 8, 1899. NA CEILTICH. Tha na Canainean Ceiltich ag adh-nuadhachahh an oige. Le surd ’us dealas ’us eud mor, gaisgeil, tha na Ceiltich ag iarraidh sgeadachaidh uir, grinn a chur air a’ chanain a tha iad fein a labhairt, agus air abhaistean ’us cleachdainnean nan daoine ’s nan aoisean liatha ’tha tosdach ann an suaimhneas nan ginealach. Cha bhi aig Sasunnach air bith aobhar a bhi ’togail a ghuth an aghaidh nan Ceilteach, agus a bhi ’g radh nach urrainn bas tighinn tuille ’s luath air gach Canain Ceilteach a tha ’nis fo ’n ghrein. AN “EISTEDDFOD.” Dh’ innis mi mo bheachd cheana mu dheibhinn nan Cuimrich, a tha ’gabhail comhnuidh ann an Uallaidh. Is c ceatharnaich a tha annta. Tha iad anns gach aite anns am bheil iad a’ deanamh saothrach, measail, comasach agus foirmeil. Tha gradh laidir, seasmhach aca do ghlinn, do chnoic, ’us do shrathan Uallaidh. Is ann am bliadhnachan aosmhor nan laithean liatha ’chaidh a’ Choinneamh iomraiteach, an Eisteddfod, a chur air chois, airson meas ’us miagh altrum agus a chumail suas air canain ’us euchdan nan Cuimrich chruadalach a sheas gu dileas, mearganta as leth an coirean ’s an saorsa an aghaidh righrean dalma Shasuinn. O cheann corr us mios bha Coinneamh na bliadhna so air a’ cumail ann an Cardaiff, aon de bhailtean mora ’s aghartach Uallaidh. Bha aireamh de Mhorairean Bhreatunn a lathair, agus thainig gus a’ choinneamh mheasail, Ceiltich bho Bhreatunnaidh, bho Eirinn, bho Albainn, ’us bho ’n Eilean Mhanainneach. Nochd luchd-riaghlaidh Chardaiff gach caoimhneas ’us urram a bha ’n an comas do ’n Eisteddfod. Fhuair an Ard-Dhruidh gach speis ’us umhlachd a bhuineas da. Lean gach ard ’us iosal e gu toileach agus le greadhnachas a dh’ ionnsuidh Cuairt riomhach na Gorsedd, no na Cathrach uasail. Liubhair daoine urramach oraid bhlasda ann an canain no dha. Thog piobairean Gaidhealach fuaim ’us nuallan binn ’us boidheach, agus thug iad toileachas sonruichte do ’n Choinneamh gu leir. AM BREATUNNAIDH. Co ’chreideas gu bheil a cheud Choinneamh a bha riamh aig na Breatunnaich a’ toiseachadh air an dara latha fichead de ’n mhios so, (Ogust) ’s gu bi i air a gleidheadh suas car seachdain. Tha iomadh ni aig a choinneamh so r’a dheanamh. Tha e soilleir gu bheil na Ceiltich anns an Fhraing dian-iarrtuiseach air maith mor a thabhairt do chanain ’us abhaistean an athraichean, agus air beatha nuadh, shunndach, bhrioghmhor a bhuileachadh air an canain, ’s air am beachdan ’s air an eachdraidh re iomadh linn. Ged tha Breatunnaidh faisg air baile mor na Frainge, tha na Ceiltich so ’fantuinn air falbh bho gach aramach ’us tailmrich air am bheil na Frangaich fuasach deigheil. Is ann am Breatunnaidh a tha Rennes, am baile anns am bheil Cuirt nan Ceannardan ’na suidhe aig an am so, airson cuis an duine bhochd Dreifuis ’fheuchainn a rithist. Loisg neach aingidh air Labori, am fear-lagha tapaidh, geur-inntinneach, a tha ’dion Dhreifuis. Tha dochas laidir gu bi am fear-tagraidh duineil ’us comasach so ann an doigh iomchuidh ann am beagan laithean, airson a chomhnadh luachmhor a thabhairt do ’n cheannard a tha air a gheur-leanmhuinn le daoine borba, mi-bheusach agus breugach, ged tha iad a’ sealbhachadh inbhe aird ann am feachd na Frainge. AN COITHIONAL UILE-CHEILTEACH. Co an Gaidheal no ’n Ceilteach nach bi ait ’us aoibhneach, an uair a chluinneas e gu bheil Coinneamh lionmhor, nrramach ri bhi air a gleidheadh an ath-bhliadhna ann an Duibhlinn, baile mor Eirinn. Is e an t-ainm foghainteach, ur-labhrach a tha a choinneamh so ’dol a ghiulan, “An Comhthional Uile-Cheilteach.” On thainig Gaidheil air tus do ’n eilean Eirionnach, agus on bha Fionnghal righ nam feart, ’us Oisein nan caomh dhan ann an luchairt Sheallama, cha robh comh-thional co farsuing, finealta am measg nan Ceilteach roimhe. Is i obair chruaidh, chudthromach, ghasda ’tha ’n comh-thional ag iarraidh a chur an gniomh. Gheibh an cairdeas dluth a tha eadar na Ceiltich thall ’sa bhos, agus eadar na canainean a tha iad a’ labhairt, aire phongail, churamach. Gheibh gach seinn ’us clarsaireachd, gach sean abhaist ’us gach eachdraidh a tha aig na fineachan Ceilteach, aire ’s rannsachadh geur, caoimhneil agus mionaideach. Theid gach ceangal tlath a tha ’nasgadh nan Ceilteach r’a cheile a tharruing ni ’s blaithe, ni ’s dluithe, ’s ni ’s aille. Thig tlachd ’us gean ’us agh a dh’ ionnsuidh mile Ceilteach, do bhrigh gu buin e do theaghlach laidir, lionmhor nan Ceilteach, aig am bheil an dachaidh anns an Fhraing, ann am Breatunn, ann an Eirinn, ann an America, agus an ionadan iomallach an t-saoghail. Tha moran daoine ainmeil ’us fiosrach a tighinn gu comh-thional Dhuibhlinn. Tha doilgheas orm do bhrigh nach fhacadh mi gu bheil Gaidheal air bith a tighinn bho Chanada gus a chomh-thional. Ciod e ’n t-aobhar nach ’eil iomradh cairdeil air a dheanamh air MAC-TALLA, ’s air a’ Ghaidheal dhileas a tha ’ga dheasachadh bho sheachdain gu seachdain? Tha iomadh sgoilear Gaidhlig ann an Canada nach tugadh tair no dimeas air bith air comhthional nan Ceilteach ann an Duibhlinn. AM MOD GAIDHEALACH. Is ann an Dun-eidinn a bhitheas Mod nan Gaidheal Albannach air a ghleidheadh air a bhliadhna so. Fosglaidh e air a choigeamh latha de mhios deireannach an fhogharaidh. Is e so ’n t-ochdamh Mod. Bithidh faisg air seachd ceud dollar air a thabhairt mar dhuaisean. Gheibh bardachd, ’us sgriobhadh ’us leughadh Gaidhlig, ’us seinn cheolmhor maille ri cuideachadh na clarsaich, ’us iomadh gniomh inntinn ’us lamh eile air am bheil meas aig na Gaidheil ’s a tha tarbhach doibh, duais mhor no bheag. Rinn am Mod maith anabarrach cheana do Ghaidheil agus do Ghaidhlig Albainn. Co nach aidich le cridhe togarrach, taingeil, gu bheil sruthan nan Canainean Ceilteach air fas ’n an amhainn leathunn, dhomhain, bhoidheach; agus gu bheil i ’gluasad air a slighe le torman binn, brisg, ceileireach; agus gu bhell mile feur ’us barr ag amharc le suil chairdeil air snuadh fallain na h-Aimhne Cheiltich. CONA. Tha dochas a’ chealgaire mar lion an damhaineallaich; ach tha dochas an fhirean mar acaire a th’ ann an greim as nach tig e gu brath. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. D. Domhnullach, Steornabhagh, Que. T. M. Moireastan, Pevril, Que. C. F. NicLeoid, Pevril, Que. I. A. Domhnallach, Cranbrook, B. C. D Mac Rath, Vancouver, B. C. A. Mac Ealair, Penetang, Ont. Senator Cox, Toronto, Ont. S. Mac Cuithein, Stayner, Ont. D. Mac Neacail, Commercial Cross, E. P. I. Iain C. MacNeachain, Amhuinn a Deas, N. S. Donnachadh Siosal, Glassboro, N. S. Mairi A. Mhathanach, Harding, Mass. Fred H. Hild, Chicago, Ills. J. L. Lister, Tacoma, Wash. Eoghan Mathanach, Baile-phluic, Alba. A. R. Mac Leoid, Gibraltar. Bean Raonuill Dhomhnullaich, M. B. Road. Eoghan Gillios, Braigh Mhargaree. Domhnull Johnson, Leitche’s Creek. Seoras Mac Neacail, Cobh a Bheibhir. Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath. Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh Domhnull Mac Cuthais, Port Morien. An t-Urr A. Mac-a-Phearsain, Bay St. Lawrence. R. Barclay, Sidni. Murchadh A. Mac Coinnich, Sidni. A. F. Moireastan, Sidni Tuath. Iain Beutan, Ridge Mhabou. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. [TD 69] [Vol. 8. No. 9. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha na factoridhean caise air Eilean a Phrionnsa a deanamh obair mhath air a bhliadhna so, agus thatar a faotainn deagh phris air a chaise. Reic factoridh Orwell fiach deich mile dolair, obair thri miosan. Tha uile gu leir coig deug air fhichead de fhactoridhean caise air an Eilean, Chaidh fear Alasdair Caimbeul h mhuinntir Ball’s Creek, a mharbhada ann am meinn an Dominion Di-satharna s’a chaidh. Bha e ’g obair a’ gearradh guail, ’nuair a thuit meall dheth air, ’ga mharbhadh air ball. Chaidh a chorp a phrannadh gu dona. Dh’ fhag e bean agus teaghlach; Bha a chorp air a thoirt dhachaidh am feasgar sin fhein gu bhi air a thiodhlacadh. Chaidh Innseanach a bha ’g obair air larach na h-obair-iaruinn a ghoirteachadh Di-haoine s’a chaidh. Bha grunnan dhiubh a gearradh coille, agus thug an tuagh aig fear de chach leum as a laimh, agus bhuail e air-san anns a cheann. Bha e air air a ghoirteachadh gu dona, ach le comhnadh an lighiche tha e air a dhol na’s fhearr, agus cha’n fhada gus am bi e ag obair leis an tuaigh a rithist. Thatar a fagail air Sir Uilleam C. Van Horne gu bheil e dhe’n bheachd gu’n bi ceud mile sluaigh ann an Sidni fichead bliadhn o’n diugh. A reir a bharail-san leanaidh moran obraichean mora an obair iaruinn do’n bhaile, agus cha’n fhada ’n uine gus an e am baile a’s fhearr a bhios an Canada. Ach tha e doirbh a dhol roimhe ciod a dh’ fhaodas tachairt mu’n ruith fichead bliadhna. Thachair sgiorradh cianail air acarsaid Halifacs mu shia uairean feasgar Di-luain s’a chaidh, leis an robh seachdnar a bha mach air pic-nic air am bathadh. Bha a h-aon deug anns a bhata, agus bha iad uile air an tilgeadh dh’ an uisge, ach fhuair ceathrar dhiubh as le ’m beatha. Thainig oiteag laidir gaoithe gu’n fhios a thilg an crann as aite, agus thuit e an comhair a chinn, a deanamh toll troimh mas a bhata, a lion le uisge ’sa chaidh fodha air ball. Bhuineadh coignear dhiubhsan a chaill am beatha do’n aon-teaghlach—ceathrar nighean us aon ghille. Chaochail Clarence Grannd, mac do’n Urr. Uilleam Grannd, ministear Ghrand River, ann an Sidni Tuath feasgar Di-mairt ’sa chaidh. Bha e ’na cheistear ann am Pleasant Bay, agus an sin dh’ fhas e tinn; thainig e gu fiabhrus dha, agus thugadh gu Sidni Tuath e an duil, le sgil nan lighichean gu’n rachadh e ’m feobhas, ach bha’n tinneas air a dhol ro fhad air adhart. Cha robh e ach bliadhn’ air fhichead a dh’aois, agus bha e ’na dhuin’ og a bha gle ghealltanach. Tha co-fhaireachdain againn ri ’athair ’s ris a chuid eile dhe’n teaghlach. BAS. Aig Eilean Christmas, air Dior-daoin an 10mh latha de Ogust, ann a 54mh bliadhna de h-aois, Mairi, bantrach Alasdair Mhic Fhionghain (saor). Dh’ fhuiling i uine fhada le tinneas a ghiulain i gu foighidneach, agus chaochail i ann an sith. Dh’ fhag i ceathrar mhac agus sianar nighean gu bhi caoidh mathair ghradhach air an robh meas mor aig na h-uile. R. I. P. A FRAMBOISE. Tha sinn ag obair cho traing air gearradh ’s air greidheadh an fheoir ’s gur gann a gheibh mi cothrom air sgriobhadh gu MAC-TALLA. Tha feur anabarrach math againn am bliadhna; ach tha mi’n duil nam biodh sinn beagan ni b’ fhearr gu obair na tha sinn gum biodh na h-aiteachan againn air an cur air dhoigh gu math ni ’s fearr; ’s ged a tha geamhradh fada againn tha samhradh briagha airson fas againn. Tha nise obraichean mor ri bhi gan cur air adhart ann an Sidni; agus cha ’n e mhain gun dean sin feum do na h-aiteachan anns a bheil iad air an suidheachadh, ach ni iad feum do’n duthaich gu leir mu’n cuairt. Agus ni e feum mor dhuinne a chionn gur a h-ann a ceann an ear an eilean a bha sinn an comhnuidh a faighinn maragaid airson aon ni a dh’ fhaodamaid a bhi togail air an aite; agus tha mi a meas gu bheil spreidh-feola againn cho math ris gach darna h-aite. Bha’n t-sacramaid againn, mar a dh’ ainmich mi roimhe, air an dara Sabaid dhe’n mhios. Bha ’n aimsir gle fhabharrach, ach beagan uisge a shil nach do rinn cron sam bith. Agus a thaobh searmonaichean faodaidh mi radh nach robh sinn an taing mac Uidhistich. Bha ’n t-Urr. Mr. Mac Odruim, a Mira; againn Dior-daoin agus Di-haoine; ach a chionn gu ’m feumadh e bhi na eaglais fein air an t-Sabaid, cha b’urrainn da fantuinn ni b’fhaide. Agus anns na dh’ eisd sinn uaithe, thaitinn e gu robh mhath ris gach aon, agus iad uile duilich nach b’urrainn e fuireach ni b’fhaide. Bha’n t-Urr Mr. Rose, a Malagawatch, againn bho Dhior-daoin gu crioch na seirbhis. Shearmonaich e gu durachdach fad na h-uine; agus ’si mo bharail gu’m faod deagh sgoilear foghlum uaithe bho ’n chubaid, a chionn gu bheil a chridhe anns an obair. Bha moran cruinn aig an am as na coithionalan mu’n cuairt, agus bha iad ri moladh airson cho ordail, stuama sa dh’ fhan iad fad na seirbhis. Tha ’n trosg air bualadh gu pailt air na cladaichean so bho ’n thainig am foghar. Cha ’n ’eil latha a gheibh na h-iasgairean a mach nach faod iad deagh thuarasdal a dheanamh. Cha ’n ’eil a bhiorach idir cho pailt ’sa b’ abhaist, ’s mar sin tha cothrom air trosgach moran ni ’s fhearr. Tha iad ga reic ris na marsantan mar a their iad, green fish, ’se sin iad fein ga ghiollachd deiseil airson an t-salainn, agus a faotainn timchioll air sent am punnd air. Tha na marsantan ga shailleadh ’s ga ghreidheadh deiseil airson a mhargaidh. Is iomadh seol bais a dh’ fhaodas tighinn air duine ’s air ainmhidh; ach thainig doigh bais air damh mor choig bliadhna le aon de ar nabuidhean, cho neonach ’sa dh’ fhaodadh tachairt. Bha dreallag aig cloinn bhig ann a sabhal, agus thachair do’n damh an rathad a ghabhail agus a dhol a stigh do’n t-sabhal. Agus ge b’e doigh anns ’n do shuain e rop na dreallaig mu amhaich bha e air thachdadh mu ’n d’ fhuaireadh e. Ach tha sinn a creidsinn gur e teas na greine agus eagal ro bhiteag na meanbh-chuilleag a chuir e gu dhol a steach, agus nach b’e droch smuain sam bith a thug air a bheathach bhochd lamh na cas a chur na bheatha fein. CEANN LIATH. Ogust 31, ’99. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 70] [Vol. 8. No. 9. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 67.) teagamh a chur ann an aon fhacal dhe na thubhairt sibh—tha dochas laidir agam gu’m faigh mi dhuibh an ni air am bheil sibh cho mor ann an geall. Ach feumaidh sibh foighidin mhath a bhith agaibh. Faodaidh gu’m bi uine mhor mu’n till mi; oir math dh’ fhaoidteadh gu’n tig orm iomadh rioghachd a shiubhal mu ’m faigh mi mo ghnothach. Agus an uair a chluinneas sibh gu ’n d’ thainig mi, faodaidh sibh a bhith cinnteach nach bi sibh fada gun chobhair fhaotainn.” An uair a thuirt Marsabhan so, ghabh e ’chead de nighean an righ, agus chaidh e ’mach as an luchairt, agus gu math moch ’s a’ mhadainn dh’ fhalbh e air a thurus. Shiubhail e o bhaile gu baile, o dhuthaich gu duthaich, agus o eilean gu eilean; agus anns gach aite troimh ’n deachaidh e, cha robh de naigheachd am measg an t-sluaigh ach mar a dh’ eirich do Bhadoura, nighean righ Shina. Mu thuairme ceithir miosan ’na dheigh sid, rainig e Torobh, baile-puirt a tha mor, agus anns an robh moran sluaigh. Cha chuala e guth no iomradh air Badoura anns a’ bhaile so. Ach bha sluagh a’ bhaile gu tric a’ bruidhinn air prionnsa Alsaman, agus air mar a bha e tinn leis a ghaol a ghabh e air boirionnach ro bhriagha a chunnaic e as a chadal. Bha na chual’ e m’ a dheidhinn gle choltach ris na dh’ innis Badoura dha mu ’n d’ fhalbh e o ’n taigh. Thug an sgeula so a chual’ e mu Alsaman toileachadh mor dha. Cha do stad e dh’fheorach mu’n chuis gus an d’ fhuair e ’mach far an robh am prionnsa ’fuireach. Gheibheadh e a dh’ ionnsuidh an aite air da rathad—rathad mara agus rathad tire. Ach o ’n a b’ e rathad na mara bu ghiorra, chuir e roimhe gu’n gabhadh e e. Chaidh e air bord luinge a bha ’dol do’n aite le bathar, agus chaidh an turus leotha cho fabharrach ’s a dh’ iarradh iad gus an d’ thainig iad ann an sealladh na luchairt aig righ nan Eileanan. Ach mu’n deachaidh iad a steach do ’n acarsaid, bhuail an long air sgeirean iosal, le coireannan an fhir a bh’ aig an stiuir, agus ann an uine gle ghoirid chaidh i fodha. Bha Marsabhan ’na dheadh shnamhaiche; agus an uair a chunnaic e gu’n robh an long a teannadh ri dhol fodha, leum e am mach air a’ mhuir, agus shnamh e gu tir aig bonn a’ chaisteil anns an robh prionnsa Alsaman. Thachair gu’n robh an righ agus an t-ard-chomhairleach an lath’ ud anns a’ chaisteal a’ cumail cuideachd ri Alsaman. Chunnaic iad Marsabhan a’ dol air tir bhar an t-snamha aig bonn a’ chaisteil, agus chuir an t-ard-chomhairleach duine far an robh e gus a thoirt a steach do ’n chaisteal. An uair a chuireadh aodach tioram air, agus a ghabh e biadh, thugadh an lathair an ard-chomhairlich e. Bha Marsabhan ’na dhuine og tlachdmhor do ’m b’ aithne e fhein a ghluasad gu h-iomchuidh ann an cuideachd sam bith, agus dh’ aithnich an t-ard-chomhairleach anns a’ mhionaid gu’n robh uaisle agus tlachd ann. Thuig e mar an ceudna o ’n chomhradh a bha eatorra gu’n robh e anabarrach fiosrach agus foghluimte. Thuirt e ris, “Tha mi ag aithneachadh ort gur duine neo-chumanta a th’ annad. Feumaidh gu’n do shiubhail thu moran dhe ’n t-saoghal. B’ fhearr gu’n robh fhios agad ciod e an doigh air an gabhadh duine tinn araidh leigheas. Tha ’thinneas an deigh cuirt an righ a chur fo bhron o chionn uine mhor.” Fhreagair Marsabhan e, agus thuirt e, gur docha gu’n rachadh aige air a leigheas nam biodh fhios aige ciod an trioblaid a bha ’cur dragh air. Dh’ innis an t-ard-chomhairleach dha a h-uile ni o thoiseach gu deireadh mu dheidhinn mar a thoisich trioblaid a’ phrionnsa, mar a bha toil aig an righ gu’m posadh e, cho graineach ’s a bha e air posadh an uair a chuir ’athair a’ chuis fa chomhair ann an lathair na chomhairle, mar a chuireadh ’s a’ chaisteil e, an droch dhiol a rinn e air fhein ’s air an t-seirbhiseach a bha ’frithealadh dha, mar a thuit e ann an trom-ghaol air boirionnach og, maiseach a bha e ’g radh a chuir seachad earrann mhath dhe’n oidhche comhladh ris anns an leabaidh, mar a bha e ’g radh gu’n d’ rinn e iomlaid fainne rithe; agus mu dneireadh thuirt e ris, nach robh duine sam bith a’ creidsinn gu’n robh a leithid de bhoirionnach riamh anns an leabaidh comhladh ris. Dh’ eisd Marsabhan gu foighidneach ris a h-uile facal a thuirt an t-ard-chomhairleach. Bha gairdeachas anabarrach air a chionn, air shaillibh mar a bhristeadh an long air an robh e, gu’n robh e cho fortanach ’s gu’n d’ fhuair e fios c’aite an robh a’ cheart dhuine a bha toil aige fhaicinn. Cha robh teagamh sam bith aige nach b’ e prionnsa Alsaman a’ cheart dhuine air an do ghabh nighean righ Shina gaol cho mor; agus bha e cheart cho cinnteach gur ann air nighean righ Shina a ghabh Alsaman gaol. Air an aobhar sin, cha dubhairt e dad ris an ard-chomhairleach mu’n aobhar a thug air falbh o ’n taigh e; ach thuirt e ris gu’m bu mhath leis mac an righ fhaicinn a chum gu’m biodh e na b’ fhasa dha a thinneas agus a thrioblaid a thuigsinn. “Lean mise,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “agus bheir mi thu do ’n t-seomar anns am bheil an righ agus a mhac. Tha iad le cheile ag iarraidh d’ fhaicinn.” An uair a chaidh Marsabhan a steach do ’n t-seomar anns an robh an righ agus a mhac, chunnaic e Alsaman, mac an righ, ’na laidhe air an leabaidh ’s a shuilean duinte. Leis a’ cheud shuil a thug e air thuig e gu math gu ’n robh e air cnamh ’s air a dhol as gle mhor. Ged a chunnaic e anns an t-suidheachadh ud e, cha b’ urrainn e gun a radh, “A Chruitheachd, am facas riamh dithis cho coltach ri ’cheile riutha!” Bha e ’ciallachadh Alsaman agus Badoura, nighean righ Shina; oir bha iad anabarrach coltach ri ’cheile ann an cruth ’s an dealbh. An uair a chuala Alsaman na briathran a labhair Marsabhan, dh’ fhosgail e ’shuilean agus dh’ amhairc e air. Bha Marsabhan ’na dhuine geur-chuiseach, deadh-fhaclach, deas-bhriathrach, agus ghrad mhol e Alsaman ann an ceathramh no dha orain a rinn e anns an t-seasamh-bonn. Ach cha do thuig an righ, no an t-ard-chomhairleach gu ro mhath ciod a bha e ’ciallachadh. Air a shon sin, chuir e na nithean a thachair do dh’ Alsaman agus do Bhadoura an oidhche a bha iad le cheile anns a’ chaisteal, sios cho cothromach ’s gu’n do thuig Alsaman gu math gu’m b’ aithne do Mharsabhan co i, agus gu’n rachadh aige air sgeul a thoirt dha m’ a deidhinn. Thog so a chridhe air a leithid de dhoigh ’s gu’n d’ thainig atharrachadh mor air a ghnuis. (Ri leantuinn.) CROMUEL. (Air a’ leantuinn.) Bha Cromuel ’s a luchd-leanmhuinn mar so ’an teinn mhoir le bhi air an cuairteachadh le naimhdibh. Agus an uine ghoirid dh’ fheumadh iad an cuid armachd a’ leigeadh sios, agus striochdadh do Lesli gun bhuill’ a bhualadh. Ach bha moran mhinisteirean ’us dhaoin’ eile ’s an arm fo Lesli, aig an robh ughdarras air inntinnibh an t-sluaigh. Thoisich iad sin air aithne ’s air teagasg, gu’m bu choir a dhol sios do ’n chomhnard a chogadh ris na Sasunnaich. Sheas Lesli ’an aghaidh a’ bheachd ud fhad ’s a b’ urrainn e, ach mar bha moran ughdarrais aca sud thairis air na saighdearaibh, bhuadhaich an guthanna. B’ eigin do Lesli leigeadh leis an arm a dhol a chogadh, ged a bha beachd aige nach b’ ann gu soirbheachadh. ’N uair a dh’ innseadh do Chromul gu’n robh na h-Albannaich a’ cromadh leathad nan cnoc, ghlaodh e mach, “Thug Dia thairis do ar laimh iad.” Bha so mu fheasgar. Air a mhoch mhaduinn an ath la, an treas de dhara mios an fhoghair, mu’n d’ fhuair na h-Albannaich gu ceart ’n an tarruing, thug na Sasunnaich garg ionnsuidh orra, ’s chuir iad an ruaig orra. Chaidh tri mile de na h-Albannaich a mharbhadh ’s an ruaig, agus glacadh deich mile dhiubh na ’m priosunaich. ’S ann ri so a theirear Drobh Dhunbar. Dh’ fhosgail a’ bhuaidh so baile Dhuneidin do (Air a leantuinn air taobh 71.) RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C B [TD 71] [Vol. 8. No. 9. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 70.) Chromuel. Theich a’ Pharlamaid ’s an t-arm gu Sruileadh air taobh tuath na Friu. Ged a chaidh blar Dhunbarr ’n an aghaidh, cha do chaill iad am misneachd. Thog iad armailt eile gu goirid, ’s mar a thug Tearlach lan-riarachadh dhoibh a thaobh gealltuinn a bhi leis a’ Chumhnant, chrun iad e ’an luchairt Scoinne, air la na bliadhn’ uire, 1650, fo thiodail, Tearlach II. Chuir Iarl’ Earra-Ghaeil an cruin air a cheann. Bhoidich ard-mhaithean na tire ’s an sluagh cumanta gu’m biodh iad dileas do Thearlach, ’s gu’n deanadh iad seirbhis da le ’maoin ’s le ’m beatha gu bas, a reir na Comhbhoinn sholuimte, ’s a’ Chumhnaint. ’N uair a chaidh dudhlachd a’ gheamhraidh seachad ’s a b’ urrainn an t-arm an t-achadh fosgailt’ a’ gabhail, chaidh Cromuel air toir Lesli ’s a chuid feachd. Gabh Lesli an rian dionaidh a bh’ aige roimhe, ’s cha b’ urrainn Cromuel a tharruing gu cath, no fhuadachadh air falbh o ’ionadaibh laidir air taobh tuath na Friu. Ach le dian chogadh ’us doirteadh fola fhuair e buidheann shaighdearan air an cur a null air Port na ban-righ a ghabh sealbh air Siorrachd Fiofa, agus leis am biodh an t-arm Albannach air a druideadh a mach o’n oirthir a ’s ear. Ghabh Tearlach an sin comannd an airm e fein; ’s thug e Sasunn air le ceithir mile deug feachd, ’an duil gu’n eireadh na Sasunnaich leis, ’s gu’n tilgeadh iad a mach Cromuel ’s a’ Pharlamaid bheag. Thriall Cromuel as a dheigh, ’s astar la no dha eatorra. ’S gann a bha Tearlach a’ faotainn duine; ach bha feachd Chromueil a sior dhol am meud. Thionndaidh Tearlach air Cromuel ’an aite ris an abrar Uorster. Bha arm Chromueil, an sin air meudachadh gu deich mile fichead. Chaill Tearlach an la sin gu h-iomlan. Chaidh aireamh mor de ’shaighdearn cois’ a mharbhadh, agus an corr dhuibh a dheanamh na ’m priosunaich. Theich am marc-shluaigh air falbh mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh iad. ’S gann a rinn Turcach no paganach sam bith eile ni riamh bu bhruideile na ’n laimhseachadh a rinn Cromuel air na priosunaich a ghlac e ’n Dunbarr agus ’an Uorster—chuir e thar chuan do America iad, ’s chaidh an reic mar thraillibh ri neach sam bith a b’ urrainn an ceannach. Bha Tearlach a’ faicinn blar Uorsteir a’ dol air aghart o mhullach na h-aitreibh a b’ airde ’s a’ bhaile. Ach an diegh an la a bhi air a chall, b’ eigin da ’cheann thoirt fodha; agus an deigh iomadh caol-thearnadh o thuiteam ’an cumhachd a naimhdean, fhuair e mu dheireadh rian air teicheadh gur tir-mor na h-Eorpa, far an robh e air chuairt, o dhuthaich gu duthaich, re aireamh bhliadhnachan. Theich a’ Pharlamaid Albannach do ’n Ghaeltachd, ’s cha b’ urrainn iad armailt a thogail tuilleadh a chuireadh an aghaidh Chromueil, a ghabh lamh an uachdar air an rioghachd dha fein ’an ainm na comh-fhlaitheachd. Shuidhich e Seanalair Monc ’an Alba mar ard-cheannard an airm fodha fein; ’s an uine ghoirid shocraich an tir sios gu bhi umhail do’n bhuidhinn bu treise. B’e Camshronach Lochiall a b’ fhaide sheas a mach a bh’ ann ’an aghaidh Chromueil. Ach ’n uair a mhinicheadh dha nach robh aige ri umhlachd aideachadh do dhuine sam bith air leth, chaidh e, air ceann a chuid daoine, gu achadh a bha dlu air Caisteal Inbher-lochaidh, agus am fianuis oifigearn a’ chaisteil, leig iad sios an armachd thun an lair, a’ ciallachadh sgur de chogadh air taobh Thearlaich, ’s thog iad a ris an ainm staiteachan na rioghachd. An sin bha fois aig an tir. Goirid an deigh do Chromuel Tearlach fhuadachadh air falbh thar nan crioch, fhuair se e fein air ainmeachadh ’na Dhionadair na Comh-fhlaitheachd leis an Rumpull. Bha barrachd cumhachd aige, fo’n tiodal sin, na bh’ aig righ Breatunnach roimhe. Bha e soirbheachail ’na chogaidhibh ris an Olaind ’s ri rioghachdaibh eile, ’s bha mar aon toradh air gach comhstri a bh’ aige riu gu’m feumadh iad umhlachd a thaisbeanadh do ’n t-suaicheantas Bhreatunnach ge b’ e cearna fo ’n ghrein an coinnicheadh e riu. Re na h-uin’ a bha Cromuel ’na Dhionadair air na tri rioghachdaibh, bho ceartas air a fhrithealadh ’an Alba gu neo-sgathach, ’s gu neo-leth-bhreitheach. Bha sith ’us saorsainn aig eaglais na h-Alba ’s na h-uile seadh, ach nach feudadh an t-Ard-Sheanadh coinneachadh air eagal gu ’m biodh iad a’ gabhail gnothuch ri riaghladh aimsireil na rioghachd. Agus anns na h-uile seadh, bha tomhas neo-abhaisteach de shoirbheachadh ’s an rioghachd. Ach a reir ’s na bha de airgiod a’ ruith feadh na duthcha, bha iad ga mheas ’na chis ro throm a bhi paigheadh ceithir fichead mile Punnd Sasunnach ’s a bhliadhna, air son gach costas a bha ’n uachdaranachd a’ tarruing. Dhuin Cromuel dorus na Parlamaid big aige fein air la araidh, ’s dh’ fhuadaich e air falbh na buil uile ’chionn nach robh iad umhail gu leoir dha. Thuig e oidhirp uair no dha a ris air Parlamaid a ghairm; ach fhuair e iad co eas-umhail do ’thoil fein ’s a bha Tearlach ga ’m faotainn. Chuir e roimhe gnothuch a dheanamh de’n easbhuidh; ach bha ’n gnothuch a’ sior dhol ni bu doirbhe, gus mu dheireadh an do thuit e fo chudthrom an uallaich. Bhasaich e air an treas la de dhara mios an fhoghair, 1658, ’s an naoidheamh bliadhna deug thar dha fhichead de ’aois. Bha Richard, a mhac, air ’ainmeachadh a reir tiomnaidh ’athar gu tighinn do ’n dreuchd as a dheigh; ach fhuair e leithid de dhoirbheasan innte ’s gu’n tug e suas i mu mheadhon an earraich ’an deigh sin. Rinn a bhrathair, Eanruic a bha ’na riaghlair air Eirinn, an ni ceudna, ’s dh’ fhagadh an Staite car greis mar luing gun stiuireadair, ach am fear a thogradh a’ toirt tamhaidh da h-ionnsuidh, agus am fear eil’ a thogradh ga thilgeadh as aite.— Eachdraidh na h-Alba. Am Feillire. SEPTEMBER, 1899. 1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644. 2 Di-satharna La Worcester, 1661. 3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis. 4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine 9 Di-satharna La Flodden, 1513. 10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis. 11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297 12 Di-mairt La Abareadhain 1644. 13 Di-ciaduin Ciad Mhod a’ Chomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892 14 Dior-daoin 15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752. 16 Di-satharna 17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis. 18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759. 19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-ciaduin 21 Dior-daoin 22 Di-haoine Da Sliabh a’ Chiamhain, 1745. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis. 25 Di-luain 26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854. 27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaclain, 1852. 28 Dior-daoin 29 Di-haoin An fheill Mhicheil. 30 Di-satharna MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F. A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F. An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Cuir impidh air do nabuidh cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. A phris, dolar ’sa bhliadhna BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 72] [Vol. 8. No. 9. p. 8] Gaoir nam Ban Mhuileach. LE MAIREARAD NIGH’N LACHAINN. Cumha do Shir Iain Mac-Gilleain, Triath Dhubhairt, a chaochail ’sa bhliadhna 1716. ’S goirt leam gaoir nam ban Muileach, Iad ri caoineadh ’s ri tuireadh, ’S gun Sir Iain an Lunnainn, No ’san Fhraing air cheann turais; ’S trom an sac ’thug ort fuireach Gun thu dh’ fhalbh air an luingeas; ’S e sin aobhar ar dunaich; B’og a choisinn thu ’n t-urram ’sna blaraibh. Air an righ sin dha ’n d’ rinneadh Togail suas ann am barrachd, ’S daor a thug sinne ceannach, Bho ’n la ’thionnsgainn a charraid; Chuireadh aon mhac Shir Ailean As a choirichean fearainn, Le fior fhoirneart ’s le aindeoin; Ach ’s e lom sgriob an earraich so ’chraidh mi. Ged a b’ fhad thu air siudan, Cha robh lochd ort r’a chunntas; Do luchd-toisich cha b’ fhiu leat Dhol a dheanamh dhaibh umhlachd; Curaidh ard thu ’bu mhuinte; ’S e mo chreach gun do dhruidh ort Meud an eallaich a bhruchd ort, ’S nach robh leigh ann a dhiuchradh am bas bhuait. Fath mo ghearain ’s mo thursa, Mac-Gilleain nan luireach ’Bhith ’na laighe ’sa chruisle An suain cadail gun dusgadh; Is ruaig bhais air do mhuinntir, Aig nach d’ fhagadh de dh-uine Cead an armachd a ghiulan; Thug an naimhdean d’ an ionnsuidh nan deann-ruith. B’ fhiach do chairdean an sloinneadh, Morair Shleite ’s Mac-Coinnich, Is Mac-Leoid as na Hearradh, ’S am fear treun sin nach maireann, Ailein Muideartach allail. Fath mo chaoidh gach fear fearainn, Tha ’n deagh run dhuinn ’s nach mealladh, ’Bhith gun chomas tigh’nn mar-ruinn an drasda. Cha chainnt bhosdail ’s cha ’n earra-ghloir ’Tha a shannt orm am sheanachas, ’S mi gur faicinn-se caillte ’N deidh gach mor ghniomh a rinn sibh, Ann an Eirinn ’s an Albainn, ’Shliochd Ghilleain nam feara-ghleus; Chuidich Eachann Cath Gharbhfhaich, ’S e air deas laimh na h-armailt’ le ’shar fhir. Cha ’n e ’n curaidh neo-thais ud, No Sir Eachann le ’ghaisgich, A tha mis’ an diu ’g acain, Ach Sir Iain nam bratach, Nam pios oir ’s nan corn dathte, ’Dheanadh storas a sgapadh: Is mairg rioghachd dhe ’n deachaidh An triath calm’ ud is Caiptin Chlann-Ranaill. Och is mis’ th’ air mo chlisgeadh, Saoir bhith ’sabhadh do chiste, ’S gun do chaireadh fo lic thu ’N aite falaich, gun fhios duinn. ’N airde ’n iar air a brisdeadh, ’S gun an t-oighre ’na ghliocas; So a bhliadhn’ a thug sgrios oirnn; ’S goirt ar call ris a bhriosgadh ’thug Mar as. Gur neo-eibhinn ar gabhail Bho ’n la ’dh’ eug Mac-Gilleain, ’S a chaidh ’sios sliochd an taighe A bha cliuiteach ri ’n latha. ’S mor mo chall-sa bho shamhuinn, Tha mi ’m thruaghan bochd mnatha, Tha mi faondrach, gun fharraid, Gun cheann-cinnidh ’thaobh athar no mathar. Mo chreach! ceannard nan gaisgeach Anns a bhlar nach d’ fhuair masladh Bhith gar dith ri am airce; Ged a thogar na mairt bhuainn, Cha bhith srann aig do bhrataich, Is cha chluinnear do chaismeachd; Mhothaich suil nach robh ceart duibh, ’N latha chunnacas o Pheairt sibh a marsadh. Cha neart dhaoin’ a thug bhuainn thu; Nam b’ e chiteadh air ghluasad Iomad gaisgeach mor, uasal, ’Thogail t’ eirig ’san tuasaid; Luchd nan clogaidean cruadhach, ’S nan lann soilleir gun ruadh mheirg; Fir mar gharbh fhrasan fuara, Leis an deanteadh lom sguabadh ’san araich. ’S ann ’nar caistealan grinne A bha tamh na cinn-chinnidh A bha aoibheil ri ’n sireadh; Gar h-ann timchioll an tine ’Chluinnteadh bardachd nam filidh ’S guth nan clarsaichean binne, ’S gheibht’ ann cearraich ri iomairt; Mo run luchd nan cul fionna, cas, fainneach! ’Threunaibh calm’ nan long siubhlach, Nan ceann-bheart ’s nan each cruidheach. Ged bu dileas do ’n chrun sibh Fhuaradh seol air bhur diuchradh; ’S mairg nach gabhadh dhibh curam, Ann an eirig bhur siudain, Nuair nach d’ aidich sibh tionndadh; ’S ann a rinneadh air aon luing bhur fagail! Co an neach dha bheil suilean Do nach soilleir am muthadh ’Tha air teachd air ar duthaich, Bho ’n la chaill sinn an t-aon fhear Fo laimh Dhe ’ghabh dhinn curam; Fhrois gach abhall a h-ubhlan, Dh’ fhalbh gach blath agus ur-ros, ’S tha ar coill’ air a rusgadh de ’h-ailleachd. Oirnne thainig an diobhail! Tha Sir Iain a dhith oirnn, ’S Clann-Ghilleain air an diobradh, Iad gun iteach, gun linnidh, Ach mar gheoidh air an spionadh, Iad am measg an luchd mioruin Is a fulang gach mi-mhodh, Ged nach ann ri feall-innleachd a bha iad. Gur a cruaidh mar a thachair Bho ’n cheud la ’chaidh thu ’mach uainn Le loinn gheir nan tri chlaisean Ad laimh threubhaich gu sgapadh. Ged nach d’ fhuair thu fo t’ fhacal An tir fharsuinn ’bh’ aig t’ athair, B’ fhearr gum faigheadh do mhac i; Dia g’ ur coimhead o mhiosguinn bhur namhad. Gum b’e turas na truaighe, ’Bha gun bhuidhinn, gun bhuannachd, ’Thug thu ’n uiridh nuair ’ghluais thu Le do dhaoine ri d’ ghualainn; Dh’ fhag e sinne ann an cruaidh-chas Os cionn tuigs’ agus smuaintinn; Tha sinn falamh, lag, suarach; Dh’ fhalbh ar sonas mar bhruadar gun stuth bhuainn. ’S e mo chreach gun do striochd thu, ’Fhiubhaidh, eireachdail, fhiachail; Tha do chlann air an diobradh; Co ni ’n deoch dhaibh a lionadh, A chur casg air an iotadh? Co nan laigse ’bheir dion dhaibh? Och, gur fad thu bho d’ dhislean; ’S ann a dh’ fhag iad thu mhios gus am maireach. ’S e ’chuir m’ astar am maillead Is mo shuilean an doillead, A bhith faicinn do chloinne ’S an luchd-foghluim is oilein Air am fogradh gun ghoireas, Ach mar cheatharnaich-coille Iad gun fhios ac’ cia ’n doire ’san tamh iad. Gur a goirt leam ri ’chluinntinn, ’S gur a h-oil leam ri ’iomradh; Nach deach aobhar ar n-ionndrainn, Olc air mhath le ’luchd-diumba, A thoirt dachaidh d’a dhuthaich; Gum bu sholas le d’ mhuinntir Do chorp geal a bhith dluth dhaibh Ann an I nam feur cliuiteach le d’ chairdean. Och is mis’ th’ air mo sgaradh, Bho nach dug iad thu thairis ’Dhol air tir air an Ealaidh, ’Dhol fo dhion anns a charraig Ann an reidhlig nam Manach, Mar ri t’ athair ’s ri d’ sheanair, ’S iomad treun laoch a bharrachd, Far am faodamaid teannadh mu d’ charnaibh. ’S mairg a gheibheadh gach buille A fhuair sinne bho ’n uiridh; Thainig tonn air muin tuinne A dh’ fhag lom sinn ’s an cunnart, Chaidh ar creuchdadh gu guineach, Dh’ fhalbh ar n-eibhneas gu buileach; Bhrisd ar claidheabh ’na dhuille Nuair a shaoil sinn gun cumamaid slan e. Siudan, a swinging. Slat shiudain, a pendulum. Muinte, instructed, well-bred. Earraghloir, bold or taunting language. Tine, or teine, fire. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leighsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. agus 127 State St., Boston Mass. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19. ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p.m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 73] [Vol. 8. No. 10. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 15, 1899. No. 10. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXVII. A BHUIDHEANN AIR AR TOIR. O’n a bha sinn a’ smaointean gu ’n robh sinn ann an aite fasail far nach fhaiceadh ’s nach cluinneadh duine sinn, chuir sinn dithis air falbh a shealgaireachd gu math moch ’s a’ mhadainn. Ged a dh’ fhaodamaid a bhith uine fhada beo air na bha de mheasan matha, fallain cho pailt anns an aite, bha toil againn feoil no sithionn fhaotainn an drasta ’s a’ rithist. Bha Tomas a’ tuigsinn gle mhath, gu ’n tugadh greis de shealgaireachd an drasta ’s a’ rithist toileachadh agus misneach nach bu bheag do na seirbhisich, gu h-araidh o’n a bha iad a’ teannadh ri gabhail fadachd nach robh sinn a’ ruighinn ar ceann-uidhe. Cha robh iad uine fhada air falbh an uair a thill iad agus sithionn gu leor aca. Bha teine math aig each air an coinneamh, agus ann an uine gle ghoirid bha rud dhe ’n t-sithinn air a rosladh againn gu ar braiceist. Bha sinn gu math acrach, agus cha robh sinn fad a’ cur na bha de bhiadh air ar beulaobh as an t-sealladh. Bha sinn ’nar suidhe, agus cuid dhinn a’ gabhail smoc, agus sinn an duil nach robh duine beo am fad no am fasach dhuinn, an uair a thug sinn an aire do bhuidheann mhor mharcaichean a’ deanamh direach air an aite anns an robh sinn. Sheall sinn air a cheile, agus ann an uine gle ghoirid chaidh a h-uile fear dhinn ’na uidheam, agus thug sinn ri bruthach i. Ghrad ghabh sinn amhrus gur ann air ar toir fhein a bha iad. An uair a rainig sinn fior mhullach a’ mhonaidh sheas sinn tiotadh, agus dh’ aithnich sinn gu math gur ann air ar toir a bha iad, agus cha mhor nach robh sinn cinnteach gur iad a chunnaic sinn an latha roimhe sid. Thuig sinn nach b’ urrainn daibh tighinn am faisge oirnn ann an aithghearrachd, o’n a bha aca ris a’ mhonadh a dhireadh. Ach air eagal mionaid a chall ghabh sinn air ar n-aghart cho cabhagach ’s a b’ urrainn duinn. An àite gabhail direach thun a’ chomhnaird mhoir a bha mu ar coinneamh, mar a dheanamaid mur b’e an torachd a bhith oirnn, is ann a lean sinn romhainn air gualann a’ mhonaidh an duil gu ’u rachadh againn air car-ma-chnoc a dheanamh orra ann an tiotadh; ach cha deachaidh a’ chùis leinn aig an am cho math ’s bu mhiann leinn. An aite am monadh a dhireadh mar a bha sinn an dùil a dheanadh iad, is ann a mharcaich iad gu cabhagach timchioll gualann a’ mhonaidh troimh bhealach cumhang nach fhaiceadh duine bhar mullach a’ mhonaidh gus am biodh e gu math dlùth dha. Ged a bha sinne aineolach air cur na dùthchadh, bha iadsan eolach air, agus mar sin, cha robh e furasda dhuinn car-ma-chnoc a dheanamh orra. Cha robh iad da cheud slat uainn an uair a chuala sinn farum casan nan each. Gu fortanach thachair dhuinn a bhith ann an aite cho math gus ar falach ’s a bh’ anns a’ mhonadh gu leir. Mur b’e sin bha iad air ar faicinn anns a’ mhionaid. Chrùb sinn am measg nan creag cho luath ’s a chuala sinn farum casan nan each; agus tha amhrus agam nach do smaoinich iad gu ’n robh sinn anns a’ chuid ud dhe ’n mhonadh idir. Bha iad a’ coiseachd gu socrach leis na h-eich an am dhaibh a bhith ’dol seachad oirnn, agus fhuair sinn cothrom air deadh shealladh a ghabhail dhiubh. Bha ’n aireamh bu mho dhiubh ’nan daoine cho duaichnidh ’s a chunnaic mi riamh ach gle ainneamh, agus bha coltas aingealta, dalama, danarra air a h-uile mac mathar dhiubh. Chuireadh an coltas a bh’ orra eagal air dearg mheirleach. Bha na suilean aca cho biorach ’s gu ’n robh mi an duil a h-uile tiotadh gu ’m faiceadh iad sinn; ach o’n a bha ’ghrian ’nan suilean, agus sinne gu math ard am measg nan creag as an cionn, cha d’ thug iad an aire dhuinn. Ach bha iad an ceann gach mionaid a’ losgadh uruchair suas am measg nan creag mar gu ’m biodh toil aca faragradh a chur oirnn. Ach gu fortanach cha deachaidh peillear an rathad a bha sinne ach an aon fhear, agus thug e sgaile air a’ chreig a bha air mo bheulaobh-sa. Cha do ghluais duine dhinn; oir thuig sinn uile gu’m b’e ar gliocas fuireach gu socrach, samhach, far an robh sinn. Ghabh iad air an aghart ’s iad mar gu ’m biodh iad ’g an deanamh fhein lan-chinnteach gu ’n robh sinn an aiteigin faisge orra. An uair a chaidh iad as ar sealladh chuir sinn ar cinn ri cheile, agus thuirt sinn gu ’m b’ fhearr dhuinn a dhol tarsuinn a’ bhealaich, agus direadh ris a’ mhonadh ard a bha air ar laimh dheis. B’ ann mar sin a rinn sinn; agus gu cinnteach ceart cha robh sinn fad a’ cur astar math ’nar déigh. Rud nach b’ ioghnadh, bha ’n t-eagal oirnn gu ’n tugadh iad ar beatha dhinn, agus lean sinn romhainn gus an do thuit an oidhche. Bha sinn gle sgith agus gle acrach, agus an uair a thachair aite ruinn a shaoil sinn a bha sabhailte gu leor gus an oidhche chur seachad ann, cha deachaidh sinn na b’ fhaide. Bha measan gu leor againn, agus bha feum againn air sin. Ged a bhiodh biadh againn ri dheasachadh, cha bhiodh e sabhailte dhuinn teine thogail. Chuir sinn romhainn gu ’n deanamaid leis na bh’ againn gus an tigeadh an latha. Ged a bha sinn gu math ard os cionn a’ chomhnaird, bha sealladh math againn air nam biodh an latha ann; oir cha robh craobhan eadar sinn is e idir. Cha robh an oidhche dorcha; ach cha ’n fhaiceadh neach sam bith iomall a’ chomhnaird gun beagan de sholus latha. Ach chluinneadh duine am fuaim bu lugha o’n a bha ’n t-side cho ciùin, agus samhchair na h-oidhche ann. Ged a chaidh a h-uile fear dhinn ’nar sineadh ach dithis, cha robh sinn a’ faighinn norradh cadail. Bha sin cho math dhuinn; oir cha robh sinn fada ’nar sineadh an uair a chuala sinn fuaim bruidhne a’ tighinn dluth dhuinn. Chuala sinn an sin am farum a bh’ aig casan nan each. Mu dheireadh thainig iad cho dluth dhuinn ’s gu ’n tuigeamaid a’ chuid mhor dhe na bha iad ag radh. Leig iad as na h-eich air a’ chomhnard mu choinneamh an aite anns an robh sinne ’nar sineadh. An uair a chuir iad a h-uile da each ann an càraid air eagal gu ’n teicheadh iad orra, dhirich iad suas ri bearradh a’ mhonaidh faisge air an aite ’san robh sinne ’nar sineadh. An uair a chunnaic sinn cho fior dhluth ’s a bha iad a’ tighinn oirnn, cha mhor gu ’m b’ urrainn duinn ar n-anail a leigeadh am mach. Rud iongantach, bha sinn uile mar gu ’m biomaid a’ tuigsinn gu ’m b’e ar gliocas fuireach ’nar sineadh far an robh sinn, ged nach robh fear seach fear dhinn a’ fosgladh a bheoil. O’n a bha sinn cho dluth air a cheile, bha sinn comasach air aghaidhean a cheile ’fhaicinn. Agus an uair a sheallamaid air a cheile, bha sinn a’ tuigsinn ciod a bha an uachdar air inntinnean cach a cheile. Mu cheud slat an taobh shios dhinn stad iad, agus an uair a bha iad greis a’ bruidhinn, shuidhich iad gu ’n cuireadh iad seachad an oidhche ann. Cha robh iad fada ’togail deadh theine. An uair a ghabh an teine gu math, chitheamaid an aghaidhean gu gasda. Bha Tomas ri m’ thaobh, agus chuir e a bheul ri m’ chluais agus thuirt e gu beag rium, “So a’ cheart bhuidheann a chunnaic sinn feasgar. Is ann air ar toir a tha iad cinnteach gu leor. Is ann asda thug sinn an fhealag an dé an uair a chuir sinn an droch stuth ud anns na botuil an aite na deoch a dh’ ol sinn. Nan do ghabh sinn alla ri ’n cuid bidh is dibhe, bha iad fhathast gun ar lorgachadh. Ged nach e Spainich a tha annta gu leir, is e canain nan Spaineach a tha iad a’ labhairt; agus tha ’nam beachd dioghaltas a dheanamh oirnn ma gheibh iad greim oirnn.” Thuig mi air an doigh anns an do labhair Tomas gu ’n robh an t-eagal air, agus cha b’ ioghnadh e. Cha robh sinne ann ach an naoinear, agus bha corr ’s a fichead ann dhiùbhsan. Bha biadh is deoch gu leor aca, ge b’e air bith c’aite an d’ fhuair iad e. Thug iad ùine mhath ’nan suidhe aig a’ bhiadh, agus an uair a bha ’m biadh seachad, thoisich iad ri gabhail oran ’s ri innseadh naigheachdan. Ghabh fear dhe na bha ’nan suidhe ’s an culaobh rium oran Beurla. An uair a chuala mi an t-oran, thuirt mi rium fhein, gu ’m bu choir dhomh guth an duine aithneachadh. Bha mi lan-chinnteach gu ’n cuala mi an guth agus an t-oran roimhe, ach cha b’ urrainn domh a radh c’aite no cuin. An uair a bha iad greis mhath ris an obair so, leig iad iad-fhein ’nan sineadh thall ’s a’ bhos, agus chaidil iad gu trom. Chluinnteadh an t-srann a bh’ aig cuid dhiubh far nach fhaicteadh iad. (Ri leantuinn.) TURUS DO EILEAN HIORT. LEIS AN URR. ALASDAIR DOMHNULLACH, ARDCLACH. Air iarrtas Comain na Gaidhealtachd agus nan Eileanan, troimh an Rùn-chleireach, thug mi turus do eilean Hiort ’s an fhoghar a chaidh seachad. Chaidh da dhleasdanas araidh earbsadh rium; an toiseach, an [TD 74] [Vol. 8. No. 10. p. 2] Eaglais ath-fhosgladh, an deigh an ath-leasachadh a fhuair i tre ’n t-samhradh; agus a ris, comhnadh a thoirt do Mhr. Fiddes, ministeir an eilein, aig a’ chomanachadh. Sheol mi as an Oban, anns an steamer Hibrides, air feasgar Di-mairt, a naodhabh la de August. Bha ’m feasgar ciuin, soilleir, grianach. Bha aireamh mhath de luchd-turuis air bord, a Glaschu, Duneidean, Peart agus aitibh eile. Bha iad uile cridheil, companachail, agus a’ sealltainn air aghart le taitneas ris an turus a bha rompa. ’N am measg fhuair mi mach, lion cuid is cuid, luchd-dreuchd agus buill de’n Eaglais Shaoir. Bha suil againn Hiort a righinn air maduinn Dior-daoin, an eaglais bhi air a h-ath-fhosgladh le searmain air an la sin, agus an luchd-turuis a bha ’s an steamer a bhi’n lathair gus cuideachadh leis a’ chollection. Bha na h-uile ni gealltanach am feadh a bha sinn a’ seoladh tre Chaol-Mhulla, ach eadar Tobarmhuire agus eilean Cholla, sheid a’ ghaoth; shil an t-uisg’, agus dh’eirich tuinn na mara cho ard, ’s gu’m b’eiginn duinn an acair a leigeil a mach ann an t-ob an eilean Cholla, agus fantuinn an sin fad na h-oidhche agus earrann de’n ath-latha. Maille ris an uisge thainig ceo; ionnus gu’m b’ ann le duilchideas a rinn sinn an rathad a Colla do Thiridhe. Chuir an t-atharrachadh aimsir so, moran de’n luchd-turuis air an taobh-mor, le cur-na-mara, agus gu miannachadh gu robh an cas an tir. O’n am ud a mach, gus an d’ rainig sinn ceann-siar Caol-na-Hearradh, dh’ fholaich a’ ghrian i fhein, agus bha ruidhle-ma-seach aig an uisg agus aig a’ cheo. Do bhrigh sin ’s e sealladh gle fhann a fhuair sinn air taobh-siar an Eilein-sgiathanaich, an deigh dhuinn eilean Shothaidh fhagail. Eadar Bracadal agus Dunbheagain dh’ fhas a’ cheo cho domhail, tre’n oidhch, ’s gu’m fac an sgiobair—Captain M‘Callum—iomchuidh stad a chur air an steamer. Thug an sruth leis i, ionnus an uair a shoilleirich an aimsir beagan, an lar-na-mharach, fhuair sinn sinn-fhein deich mile tuath air Ceann-Dhunbheagain. An deigh taghail ann an Loch Eport, an Uist, fhuair sinn tre Chaol-na-Hearradh mu cheithir uairean ’s an fheasgar, agus chuir sinn ar n-aghaidh air a’ Chuan-siar. Tha Hiort da fhichead mile mara an iar air Caol-na-Hearradh. Sheid a’ ghaoth deas gu laidir, agus thog i ’muir na bu mho ’s na bu mho, mar a sheol sinn tarsuinn. Rainig sinn eilean Hiort beagan an deigh ochd uairean. Chaidh an acair a chuir a mach ri fasgadh an fhearainn anns a’ Bhagh; ach bha ’ghaoth cho laidir, ’s na tuinn ag eiridh cho ard air a’ chladach, ’s nach b’ urrainn eithear cuir a mach gus an steamer. Chruinnich na bha dhaoine ’s an eilean gus an aon chreig anns am bheil e so-dheant’, aig am sam bith, eithear a chuir o thir. Bha’n tonn a bh’ air a chreig coltach ri cuidh mhor sneachd. An deigh dhoibh a bhi cruinn gus an d’ fhas e dorch, chomhdhuin iad nach biodh e sabhailt feuchainn ri eithear a chuir a mach, ’s dh’ fhalbh iad dhachaidh. Bha feadag air a seideadh leis a’ steamer a ris ’s a ris; agus an deigh tuiteam na h-oidhche, bha rockets air an cuir suas, gus na Hiortaich a bhrosnachadh a mach o thir; ach cha robh buaidh aig na nithibh sin orra. Mar mhi-mhisneachd dhoibh thaom an t-uisge a nuas agus chaidh a ghaoth na bu mho. Thug sin mi-mhisneachd mar an ceudna do’n mhuinntir a bh’ air bord, ’s a bha iarrtannach air faighinn gu tir. Thug Captain M‘Callum duil-thairis gu’n tigeadh eithear a mach idir; agus thubhairt e, gu’m feumadh e seoladh air ais aig da uair ’sa mhaduinn. Thug e chomhairle ormsa dol a chadal; ach runaich mi faire ’dheanamh gus an tigeadh am an t-seolaidh. Mu uair ’s a mhaduinn chualas fuaim comhraidh a’ tighinn dluth air an steamer, agus beagan an deigh sin thainig eithear, le ceathrar dhaoin’ innte, gu taobh an steamer. Bha ’n oidhche fliuch, dorch’, agus na tuinn cho ard, ’s nach robh e taitneach no furasda dol a steach do ’n eithear. Ach chaidh mi steach innte, agus fhuair mi sabhailt gu tir, gun bharrachd dolaidh na beagan fliuchaidh fhaotainn, ged bha mo chomh-luchd-turuis ’s an steamer a’ guidhe orm fantainn air bord, ’s gun mo bheatha chuir ann an cunnart. Fhuair mi mach bho Mr. Fiddes an deigh dol gu tir, gur ann air comhairle aon de na h-eildeirean—Domhnull Fearghasdan—nach deach eithear a mach na bu traithe air an oidhch’; ach an deigh dha dol d’a leabaidh, cha’n fhaigheadh e cadal. Bha’n smuain a’ fantainn ri aghaidh inntinn, “Tha ministeir anns an steamer, ’s cha d’ thug sibh oidhirp air fhaighinn gu tir.” Dh’eirich e, ’s dhuisg e muinntir an eilean, gus an eithear a chur a mach. Thug iad umhlachd dha; agus dh’aontaich ceathrar dhaoine tapaidh an eithear iomradh, agus aghaidh a chuir air an tonn mhor, a bha briseadh air a chreig. Cha do ghabh iad aithreachas gu’n d’ rinn iad sin. Fhuair mi failte chridheil bho Mr. Fiddes, agus gach duine ’s bean a bh’ air a chladach, air a’ mhaduinn dhuirch ud. Tha’n t-eilean mu thri mile air fad, agus da mhile air leud. Cha’n eil ann ach gle bheag de fhearann comhnard. Ann an cruth, tha e coltach ri bloigh-geallaich. Tha e air a dheanamh suas de cheithirt chnuic a tha ’g eiridh suas, le leodaibh cas o’n bhagh air an taobh an ear. Tha na cnuic so o ochd ceud gu da-cheud-deug troigh air airde. ’N nair ruigeas neach am mullach tha e air a lionadh le uamhunn, air dha bhi faicinn nach ’eil dad air an taobh eile ach a chreag, a’ dol sios mar bhalla-tighe a dh’ ionnsuidh na mara. Tha e eucomasach do choigreach amharc sios air a’ mhuir, o’n aird ud, gun luairean fhaireachdainn ’na cheann. Dhirich mi gach cnoc dhiubh sud; ach b’ eiginn dhomh dol ’na mo shineadh air a’ bhruaich ma ’m b’ urrainn dhomh sealltainn sios air a’ mhuir. Ach theid fir an eilein sios agus suas anns na creagaibh ard, cas ud le cho beag umhail ’s a ni feorag streap suas ann an craoibh, Gabhaidh iad greim le inean an lamhan ’s an casan air na scoraibh is lugha a tha ’n aghaidh nan creag. Mo thruaighe am fear a chailleas a ghreim! Cha ’n ’eil dad air a shon ach dol do ’n t-siorruidheachd. Tha aghaidh an eilean air a chomhdach le feur goirid, gorm. Cha ’n eil fraoch a’ fas ann, mar ann an eileanaibh eile an taoibh an iar. Tha togalaichean neonach, ris an abrar cleitean air an sgapadh air taobh gach cnuic, agus timchioll nan tighibh-comhnaidh. Tha iad cho lionmhor, ’s gur iad a’ cheud ni a’ ghlacas aire neach, air dha tighinn dluth air a’ chladach, na dol air tir air an eilean. Tha cuid a’ meas gu bheil na cleitean so cuig mile ann an aireamh. Tha iad bho dhusan gu fichead troigh air fad, agus bho cheithir gu ochd troighean air airde. Tha iad air an togail de chlachan, le clachaireachd thioram, mar theirear. Tha na ballachan a’ coinneachadh a cheile aig am mullach; agus an sin air an comhdach le leacaibh agus cip thalmhain. ’Se’m feum gus am bheil na cleitean air an cur, an connadh agus an t-arbhar a ghleidheadh o’n uisge ’s o’n ghaoith. Tha’n t-uisge gu tric cho trom ’s gu’n deanadh e poll, gle luath, de’n t-seorsa connaidh a tha ’s an eilein—cip bheaga, anns am bheil barrachd gainmheach na th’ annta de riasg. Tha ’ghaoth iomadh uair cho laidir, ’s nach dana leo arbhar no feur a chuir an cruaich. Mar b’e na cleitean a bhi ’g an dion, bhiodh na h-uile srabh air a chall. Cha’n eil troigh de rathad-mor, no aon each anns an eilean. Feudar a thuigsinn uaithe sin nach e beatha shocair, dhiomhain a th’ aig na Hiortaich bhochda. Tha ’n druim tric fo’n eallach, agus tha uilt an cuirp gu tric air an cradh, a’ direadh ’sa cromadh chnoc is chreagan, le eallaichean trom air am muin. Tha na taighean-comhnaidh ’n an aon sreth, beagan as cionn na mara, air taobh tuath a’ bhaigh. Tha da gheibhil air gach aon dhiubh. Tha iad air an tubhadh le claraibh de iarunn tana. Tha na clair iarruinn so air an cumail ’n an aite le gaid iarruinn, a tha dol tarsuinn air a’ mullach o bhalla gu balla, agus air an daingneachadh anns a’ bhalla le aol no cement. Eadar na taighean agus a’ mhuir tha criomag de fhearann-aitich aig gach teaghlach; agus air cul nan tighean tha garadh ard, cloiche leis am bheil an crodh ’s na caoraich air an cumail a mach o’n arbhar re am an t-samhraidh. Tha cuidheall shniomha, beart-fhigheadaireachd, agus bradh anns gach tigh. Tha gach boirinneach comasach air sniomh. Tha na h-uile duine ’n a bhreabadair, ’n a mhuillear, ’n a ghriasaiche, ’s na thaillear, a thuilleadh air a bhi ’n a chibeir, ’na chreagadair, ’n a shealgair, agus, an drasd ’sa ris, ’na iasgair. Tha coltas beathachaidh maith air gach sean is og; agus tha aodach slan, blath orra uile. Tha cuid de na boirionnaich fior bhoidheach. Bha cuig teaghlaichean deug anns an eilean aig an am ud. B’e aireamh an t-sluaigh, eadar shean is og, tri fichead ’sa deich. Dhoibh sin tha Mr. Fiddes a’ saothrachadh gu cruaidh, agus gu dileas, mar mhinisteir; mar mhaighstir-sgoile; mar lighiche; agus mar charaid aig an tigh, agus o ’n tigh. Tha am maith siorruidh agus timeil aige anns an amharc. Tha e nis ag oidhirpeachadh air laimhrig a thogail, aig am bi steamaran comasach air daoine agus badhar a ghabhail a steach, agus a chuir air tir, ri aimsir sam bith. Tha e toilltineach air an h-uile misneachd fhaotuinn anns a’ ghniomh so. Ma theid leis, bithidh Hiort fathasd ’n a phort-iasgaich siorbheachail. Bithidh an saoibhreas a tha nis a’ dol ann am pocaidean nan Traileirean Sasunnach air a roinn am measg luchd-aiteachaidh an eilein, agus cha bhi iad ni’s fhaide air an dunadh a mach, re naoidh miosan ’sa bhliadhna—mar tha iad a nis—o’n chuid eile de’n t-saoghal. Chaidh an eaglais agus a’ manse ann a’ Hiort a thogail, o chionn tri fichead bliadhna ’s a deich, le airgiod a thionail Doctor Domhnullach na Toiseachd. Fhuair an eaglais leasachadh, air an robh mor-fheum aice, air an t-samhradh so, agus chaidh rum sgoile ann an ceangal rithe a thogail, le airgiod a thionail Doctor Rainy; ach tha manse gun lamh a chur ann; ged tha cruaidh-fheum aige air leasachadh is meudachadh fhaotuinn. Tha mi ’n dochas nach bi so fada mar so, ach gu ’m bi Mr. Fiddes a’ faotuinn barrachd rum agus comhfhurtachd ’n a thigh-comhnuidh na th’ aige. ’N uair rainig mi a’ manse, fhuair mi gu robh Mr. Domhnull Smart, maighstir-sgoile ann an Srathghlais, a bha air chuairt anns an eilean, air a chumail ri port, leis a ghaoith mhoir, a rinn e cho duilich dhomhsa faighinn gu tir. Fhuair mi e ’n a chompanach taitneach. Bha e ’na Phrecentor aig gach searmon. Dhirich e na cnuic comhla rium; chaidh e dh’ iasgach agus a shnamh comhla rium; ’n uair bha ’n aimsir freagarrach, agus uin’ againn air a shon. Maille risan agus ri Mr. Fiddes cha d’fhairich mi na laithean a’ dol seachad. Bha comhfhurtachd againn anns a’ mhanse; oir rinn Ceit, searbhant a’ mhisisteir, te a mhuinntir an eilein, frithealadh maith [TD 75] [Vol. 8. No. 10. p. 3] air ar feumaibh. Ged nach eil fuineadair no feoladair ’s an eilean, cha d’ ionndrainn sinn sin. Bha fuine ’s cocaireachd Cheit anabarrach maith, agus i fein cho cridheil an ceann gach seirbhis. Bha Sasunnach, d’ am b’ ainm Teddie, tri la air tir a aon de na Trailearan, agus rinn a chuideachd ’s a chainnt cuideachadh le ar toil-inntinn. Air an t-Sabaid, an ceathramh la deug de August chaidh an eaglais ath-fhosgladh. Thoisich Mr. Fiddes le facal ann am Beurla. Shearmonaich mise ann an Gaidhlig, agus a ris anns an fheasgar; agus eadar an da sheirbhis thug mi earail ghoirid do’n Sgoil-Shabaid ann am Beurla. Cha mhor nach robh na h-uile neach, sean is og, a lathair aig gach seirbhis. Bha eadhon na naoidheanan aig am mathraichean ’n an uchd. Is gann gu ’n tug aon diubh ran as fad na h-uine. Thoisich seirbhisean a’ Chomanachaidh air Diar-daoin, an t-ochdamh la deug de August, agus bhuanaich iad cuig la. Re na h-uine sin cha robh obair fholluiseach sam bith air a deanamh ’s an eilean. Bha coinneamh-urnuigh gach maduinn air a cumail anns an eaglais. ’Se ’n aireamh bu lugha a chunnaic mi aig a’ choinneamh mhaduinn so sia-deug-thar-fhichead. Tha tri duine deug anns an eilean a tha air an gairm gu dhol an ceann urnuigh fhollaiseach. Chuala mi a’ chuid is mo dhiubh ag urnuigh, agus is e an comh-dhunadh a dh’ ionnsuidh an d’ thainig mi d’ an taobh, gur daoine iad a tha ionnsuichte ann an eolas nan sgriobtuirean agus teagasgan Leabhar Aithghearr na Ceisd. Air Di-haoine labhair ochdnar dhiubh air a cheisd. Air an t-Sabaid shuidh naoidh-duine-deug aig bord an Tighearna. Bha searmon gach la anns an eaglais, mu mheadhon-la agus anns an fheasgar. Bha iad uile air am frithealadh leis an t-sluagh gu leir, ach beagan de mhuinntir anmhuinn. Bha e furasda labhairt riu, oir thug iad cluais fhurachail do na bha mi a labhairt. Ghabh mi mor-iongantas air feasgar Di-luain, ’n uair dh’ innis Mr. Fiddes agus an luchd-dreuchd dhomh, gu ’n d’ rainig collection laithean a’ chomanacaidh (£4 15/-) ceithir puinnd Shasunnach agus cuig tasdain deug, agus gu’m be suim collection na Sabaid roimhe sud cor is da Not. Bu choir da so naire chuir air coimhthionalaibh an aitibh eile, a tha moran ni ’s lionmhora agus ni’s beartaiche na coimhthional beag, bochd Hiort, ’nuair bheir iad fainear na suimeanan suarach a tha iad fein a cruinneachadh aig am comanachaidh. Tha iomadh duine ann an coimhthionalan air Tir-mor aig am bheil ’na aonar barrachd do ’n t-saoghal na tha aig muinntir Hiort gu leir; ach cha ’n aithnichear sin air an tabhartas. Leanadh iad sin eisimpleir mhaith muinntir Hiort, agus cha mhiosd iad e. Air feasgar Di-ciaduin, an ceathramh la fichead de August, rinn mi an searmon mu dheireadh do’n t-sluagh ud. Dh’ fhag mi an t-eilean an la-na-mharach, leis an steamer Hebrides, a’ giulan ’n am inntinn taingealachd do Dhia air son a mhaitheas; cairdeas do mhuinntir Hiort; mor-speis do Mhr. Fiddes, agus mor-chomh-fhaireachadh ris ’na shuidheachadh aonaranach, cruaidh, iomallach. Gu ’m beannaicheadh Dia esan agus sluagh Hiort. Bha run orm barrachd a sgriobhadh mu thimchioll Hiort, agus gu h-araidh ma ’n obair a bh’ aig na daoine ’s na boirionnach, a’ toirt na fulmairean is eoin eile as na creagaibh, cuid de na laithean a bha mi ’s an eilean; agus an soirbheachadh iongantach, tre bheannachadh Dhe, a th’ aig Mr. Fiddes ann a bhi cumail nan naoidheanan beo. B’ abhuist do ’n chuid bu mho dhiubh basachadh naoidh la an deigh am breith; ach fhuair Mr. Fiddes leigheas air a’ ghalair leis an robh iad air an toirt air falbh. Ach tha eagal orm gu’n d’ rinn mi am paipear so ro fhada mar tha.—An Fhanuis, Ianuaraidh, 1899. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XI. Thaitinn na briathran anns an do chuir Marsabhan a smaointeanan an geill, anabarrach math ri Alsaman. Dh’ iarr e air an righ leigeadh le Marsabhan suidhe na bu dluithe dha. Bha aoibhneas anabarrach air an righ an uair a chunnaic e an t-atharrachadh mor a thainig air a mhac ann an uine cho goirid, agus dh’ eirich e as an aite ’s an robh e ’na shuidhe. Rug e air laimh air Marsabhan, agus thug e air suidhe ’na aite fhein. An sin dh’ fheoraich an righ dheth co e, agus co as a thainig e. Thuirt Marsabhan ris, gur ann an ceanna-bhaile Shina a rugadh ’s a thogadh e. An uair a chual’ an righ so thuirt e, “Gu’n deonaicheadh Dia dhut comas air mo mhac a leigheas o ’n bhron ’s o ’n lionn-dubh anns am bheil e o chionn uine fhada. Ma theid agad air a leigheas, cuiridh tu mise fo chomain gu brath. Agus bidh fios aig an t-saoghal gu leir gu’n toir mi duais mhor dhut.” An uair a thuirt e so, chaidh e fhein agus an t-ard-chomhairleach am mach as an t-seomar, agus dh’ fhag iad prionns’ Alsaman a’ comhradh ri Marsabhan. Chrom Marsabhan os cionn a’ phrionnsa, agus thuirt e ris gu beag, “A phrionnsa, tha’n t-am agad sgur dhe do bhron. Is ann air a’ bhana-phrionnsa, Badoura, nighean righ Shina, a thuit thu cho trom ann an gaol. Tha fios is cinnt agam air so, o na dh’ innis i fhein dhomh, agus o na chuala mi mu do thimchioll-sa. Dh’fhuiling ise uiread air do shonsa agus a dh’fhuiling thusa air a son-se.” An sin dh’ innis Marsabhan do ’n phrionnsa facal air an fhacal mar a thachair do Bhadoura, nighean righ Shina, riamh o’n oidhche anns an d’ fhuair i i-fhein ’na sineadh anns an leabaidh ri thaobh. Dh’ innis e dha mar an ceudna, gu’n do chuir righ Shina gu bas a h-uile fear a ghabh os laimh a nighean a leigheas, a chionn gu’n deachaidh a’ chuis nan aghaidh. “Ach is tusa an aon duine aig am bheil comas air a leigheas, agus faodaidh tu a dhol do chuirt an righ gun fhiamh gun eagal. Ach o’n a tha ’n t-astar eadar so ’s cuirt righ Shina anabarrach fada, cha’n fhaod thu falbh gus am bi thu slan, fallain gu leor. An uair a thig an t-am dhuinn falbh, gheibh sinn deiseil gach ni a bhios feumail dhuinn air son ar turuis.” Thug na briathran so misneach mhor do’n phrionnsa. Thug an dochas a bh’ aige gu’m faiceadh e gun dail an te air an do thuit e ann an gaol, togail mhor dha chridhe. Ghrad thainig tomhas mor dhe ’neart air ais g’a ionnsuidh, agus thuirt e ri ’athair gu’n robh e toileach eirigh agus aodach a chur uime. An uair a chunnaic an righ an t-atharrachadh a thainig air a mhac, bha e anabarrach toilichte. Rug e air Marsabhan ’na ghairdeanan, agus thug e pog dha. Gun dail sam bith chaidh e am mach as an t-seomar, agus dh’ innis e do na h-uile a bh’ anns an luchairt gu’n robh a mhac air thuar a bhith cho slan ’s cho fallainn ’s a bha e riamh. Thug e ordugh do’n t-sluagh gairdeachas a dheanamh fad aireamh laithean, agus thug e deirce do na bochdan, agus dh’ ardaich e inbhe agus tuarasdal moran dhe ’n luchd-dreuchd a bh’ anns an rioghachd aige. Thug e mar an ceudna saorsa do na priosanaich air feadh na rioghachd gu leir. Air an aobhar sin, bha aoibhneas agus subhachas nach bu bheag air feadh na rioghachd o cheann gu ceann. Ged a bha prionnsa Alsaman gle fhann le cion cadail agus le cion bidh riamh o’n a thuit e ann an trom-ghaol air a’ bhoirionnach mhaiseach a chunnaic e ri thaobh anns an leabaidh, cha robh e fada fas laidir slan gu leor. Cho luath ’s a fhuair e e-fhein laidir gu leor gus falbh air a thurus, thuirt e ri Marsabhan, “A charaid ionmhuinn, tha ’n t-am agad a nis an gealladh a thug thu dhomh a choimhlionadh. Tha fadachd mhor orm gus am faic mi a’ bhana-phrionnsa; agus mur toir thu dhomh cothrom air a faicinn gun dail, fasaidh mi cho tinn ’s cho lag ’s a bha mi riamh. Ach tha eagal mor orm nach bi ’m athair deonach mo leigeadh air falbh. Mur leig e leam falbh comhladh riut, bidh mi air mo mhealladh gu mor; ach tha mi ag earbsa riutsa gu’m feuch thu ri thoirt air cead a thoirt dhomh falbh gun dail. An uair a thuirt e so, thoisich e ri caoineadh; agus thuirt Marsabhan, “Bha fhios agamsa roimhe so nach biodh d’ athair ro dheonach do leigeadh air falbh; ach na cuireadh an gnothach dragh sam bith ort. Tha mi creidsinn gu ’n aontaich e do leigeadh air falbh an uair a chuireas mise cuisean gu soilleir fa chomhair. B’ ann a chum nighean righ Shina a leigheas o ’n eucail a tha oirre a thainig mi air an astar so, oir bha sinn araon measail air a cheile, agus ann an dluth chairdeas ri cheile riamh o rugadh sinn. Agus cha deanainnsa mo dhleasdanas gu cothromach dhise mur deanainn m’ uile dhichioll air thusa agus ise a leigheas o’n eucail a tha cur dragh oirbh le cheile. So, ma ta an doigh a tha mi gus a ghabhail a chum thusa thoirt air falbh leam; Is fhad o nach do ghluais thu o’ n taigh. Air an aobhar sin, their thu ris an righ gu’m bheil fior thoil agad a dhol do’n bheinn-sheilg fad a dha no tri laithean, mar bu ghnath leat a dheanamh. Cha ’n eil teagamh nach aontaich e gu toileach do leigeadh a shealg; agus an uair a bheir e ’aonta seachad, ordaich dhaibh da dheadh each fhaighinn deiseil gun dail, fear gus a mharcachd ’s a’ mhionaid, agus am fear eile gus a bhith agad an uair a dh’fhasas a’ cheud fhear sgith. Faodaidh tu an corr dhe ’n ghnothach fhagail agam fhein. Air an ath latha ghabh Alsaman an cothrom air bruidhinn ri ’athair mu ’n ni a bha ’na bheachd a dheanamh. Dh’ innis e dha gu’n robh fior thoil aige, o ’n a bha e air fas cho math ’na shlainte, a dhol do ’n bheinn-sheilg fad a dha no tri laithean mar bu ghnath leis a dheanamh mu ’n d’ fhas e tinn, agus gu’n robh Marsabhan gus s dhol comhladh ris. Thug an righ ’aonta seachad anns a’ mhionaid. Ach ghuidh e air Alsaman gun fuireach am muigh na b’ fhaide na aon oidhche, air eagal gu’n deanadh e tuilleadh ’s a’ choir de sharachadh air fhein an deigh dha bhith uine cho fad ann an tinneas. Gun dail sam bith dh’ ordaich an righ dha an da each cho math ’s a bh’ aige a roghnachadh, agus bha e fhein gu curamach a’ faicinn gu’n robh gach ni a bhiodh feumail dhaibh air son an turuis air fhaotainn deiseil dhaibh. An uair a fhuaradh gach ni deiseil, agus a thainig an t-am dhaibh falbh, thug an righ pog is beannachd dha mhac, agus dh’ earb is dh’ aithn e ri Marsabhan curam math a ghabhail dheth. Dh’ fhalbh iad gu cridheil sunndach, agus gus a thoirt a chreidsinn air an dithis a bha ’falbh leis na h-eich eile a bha iad a’ toirt leotha, gur ann a’ dol a shealgaireachd a bha iad, mharcaich iad gu math luath gus an deachaidh iad astar mor am mach as a’ bhaile. An uair a’ thainig ciaradh an fheasgair orra, stad iad aig taigh-osda, far (Air a leantuinn air taobh 78) [TD 76] [Vol. 8. No. 10. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiscach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 15, 1899. Fhuair sinn cuireadh o chuideachd a tha deanamh gnothuich ann am baile-mor New York, gu bhi lathair aig coinneamh fhailteachaidh a thatar a’ gairm toiseach a mhos s’a tighinn mar urram air tilleadh an Admirail Deorsa Dewey do thir a dhuthchais. Tha sinn fior dhuilich nach urrainn dhuinn a bhi lathair gu lamh chuideachaidh a thoirt do Mhac-Fhionnlaidh ’s d’a iochdarain a failteachadh Dhewey, ach tha sinn cho dripeil aig an am ’s nach eil e comasach dhuinn an tigh fhagail. Tha againn ris a MHAC-TALLA chur a mach gach seachdain; cha ’n urrainn dhuinn an dleasdanas sin a dhearmad eadhon ar sgath Dhewey. A bharrachd air sin tha an luchd-gabhail cho slaodach mu phaigheadh air an fhoghar so ’s gu ’m biodh e doirbh dhuinn ar lamh a chur air uiread airgeid ’sa phaigheadh am faradh, gun tighinn air pris na cuirme moire tha gu bhi aca, ’s aig am feumamaid a bhith na’m bitheamaid ’sa bhaile idir. Tha h-uile coltas air gu ’m bi Admiral Dewey gu subhach, ait air a chuairt anns na Staitean, agus ann am baile New York gu sonruichte, ma ’s urrainn airgead, greadhnachas, othail, agus biadh roiceil sin a dheanamh. Cha ’n eil fhios againn nach eil e cheart cho math sinn a bhi fuireach aig an tigh an deigh na h-uile rud. An deigh na cuirme moire a tha na firionnaich a dol a thoirt dha, ’s a tha cosg ceud dolair an trinnsear, agus an t-seisd-phogaidh a chuireas na mnathan ris, (ma ni iad ris mar rinn iad ri Hobson) cha b’ iongantach leinn ged a bhiodh e cho sgith ’s cho fann ’s nach gabhadh e tlachd sam bith de chuideachd ’s de chomhradh fir-deasachaidh MHIC-TALLA. ’S fheudar dhuinn, ged is duilidh leinn da-rireadh e, an cuiread a dhiultadh. Tha cuirt Dhreyfuis seachad; tha an duine truagh sin air fhaotainn ciontach, ’s air orduchadh do’n phriosan fad dheich bhliadhna. Aig a chuirt—bu chuirt-airm i, agus b’ iad oifigich an airm na breitheamhna—cha robh fianuis a b’ fhiach a bhi bruidhinn oirre air a togail ’na aghaidh; bha a chuid mhor ’ga shaoradh; ach a dh’ aindeoin sin fhuair a chuirt ciontach e. Tha a bhreith a thugadh a mach ’na masladh do’n Fhraing; agus a’ faotainn taire o gach rioghachd air an t-saoghal. Tha paipearan naigheachd Bhreatunn, na Gearmailte, nan Staidean agus dhuthchannan eile a cur sios air a bhreith le guth laidir; tha e nochdadh gu soilleir nach eil ceannardan airm na Frainge ri ’n earbsa air son ceartas a thoirt seachad. Thatar an duil gu’n dean ceann-suidhe na Frainge mathanas a thoirt do Dhreyfus, agus gu ’m bi e air a chur ma sgaoil an ceann mios, ach cha’n eil a chairdean gu bhi leagte ri sin idir; tha iad air son e bhi air fhaotainn neo-chiontach, agus tha iad a dol a chur na cuise air beulaobh cuirt a’s airde. Na Raidhean Gailig. Fhuair sinn o “Charaid na Gailig” ainmean na feadhnach a choisinn na duaisean a bha air an tairgse leis-san ’sa gheamhradh s’a chaidh air son nan tri cruinnichidh a b’fhearr a chuirte g’a ionnsuidh de Raidhean Gailig. Faodaidh sinn radh, ged nach eil cead againn ainm agus a shloinneadh innse, gu bheil e a fuireach astar mor air falbh, agus gur e sin, ann am tomhas mor, bu choireach nach robh ’nar comas ainmean nan daoine a choisinn na duaisean a thoirt d’ ar leughadairean roimhe so. So na h-ainmean:— 1. Iain D. Mac Thearlaich, Ottawa, Ont., $12.00 2. Donull Mac Leoid, Detroit, Mich. 8.00 3. D. D. Mac Pharlain, S. W. Margaree, C. B., 4.00 Tha sinn an dochas an uine gun bhi fada gu’m bhi ’nar comas duaisean a thairgse air son nithean eile. An Comunn Gaidhealach. Anns na bliadhnachan 1890 agus 1891 bha moran litrichean anns na paipearan naigheachd Gaidhealaich ag radh cho feumail ’sa bhiodh e seorsa comuinn a chur air chois a bheireadh seachad duaisean airson leughadh agus sgriobhadh na Gaidhlig, bho na bha Luchd Riaghlaidh Shasuinn, agus iadsan a bha deanamh riaghailtean airson buird nan sgol cho fad an aghaidh cainnt nam beann a bhith air a h-aideachadh anns na sgoiltean. ’S ann troimh na litrichean so a chruinnich beagan dhaoine ’san obar, agus chuir iad rompa comunn a chur air chois a chumadh coinneamh bhliadhnail an aite ur a h-uile bliadhna, agus a bheireadh duaisean seachad anns na comhfharpuisean Gaidhlig. ’Se “Am Mod” an t-ainm a thagh iad airson nan coinneamhan bliadhnail, agus bha moran gearain airson sin, agus ag radh gur e dearbhadh nach bitheadh moran feum anns a’ chomunn airson cuideachadh na Gaidhlig. Bha ni eile a gheall iad a dheanamh, ’se sin a bhith a’ cur dragh air an Luchd Riaghladh gus an aidicheadh iad a’ Ghaidhlig anns a h-uile sgoil ’sa Ghaidhealtachd. Cha ruig sinn leas a radh nach d’ rinn iad sin, agus bho na tha a’ chuid a’s mo dhe na gnothaichean, mur eil iad uile, air an deanamh ’sa Bheurla, tha e soilleir gu leoir nach ’eil an comunn so Gaidhealach idir ach an ainm. Chaidh a’ chiad “Mod” aca chumail ’san Oban ’sa bhliadhna 1892, agus chum iad e an sin tri uairean eile as na seachd bliadhna a chaidh a chumail. Cha’n urrainn run-chleireach a’ chomuinn aon fhacal Gaidhlig a sgriobhadh, agus tha sin a leigeil fhaicinn ciamar a chuidicheas iad air cainnt nam beann a sgaoileadh. Nan leanadh iad na doighean aig an oireachtas Eirionnach, cha’n ’eil teagamh nach bitheadh, an uine gun bhi fada, a h-aite dligheach fhein aig a’ Ghaidhlig am measg cainntean an t-saoghail. Uilleam Edmonstoune Aytoun. Rugadh am bard Aytoun ’sa bhliadhna 1813, agus ’se mac a bh’ ann do Roger Aytoun, duine gle ionnsaichte, a phos bean-uasal bhoidheach, diadhaidh a bha lan sgeulachdan na duthcha, agus a bha creidsinn gu dian an dlighe nan Stiubhartaich do chrun Bhreatunn. ’Nuair a bha Uilleim og, bha e gle shunndach, tapaidh agus beothail. Bha e gle dheigheil air na cleachdaidhean a bh’ aig a’ chompanaich nuair a bha e ’san sgoil, agus sgriobh e moran bardachd. Chuir e mach a’ cheud leabhar dhiubh an 1832. Chaidh e gu Lunnainn an ath bhliadhna agus chuir e seachad iomadh mios an oifis fir-lagha. Bho na chunnaic e nach robh an obair sin cordadh ris chaidh e do’n Ghearmailt a dh’ ionnsachadh canain na ducthcha sin. An deigh so dh’ eadar-theangaich e moran bardachd agus sgriobh e moran tuillidh. Dh’fheuch e obair an lagha a rithist, ach ged a rinn e meadhonach math aice, ’sann an litreachas a rinn e ainm, agus cha’n eil teagamh sam bith nach do leig e fhaicinn tapachd agus ionnsachadh mor nuair a sgriobh e earrannan dhe na “Bon Gaultier Ballads.” Le spiorad na bardachd a bh’ aig Aytoun gu nahurra dh’ fhas suas gaol cho laidir do na Stiubhartaich troimh theagasg a mhathar ’s gu ’n do ghabh moran eadhon dhe a chairdean bu dluithe iongantas mor, nuair a bha fios aca cho curamach ’sa bha e anns a’ bharail aige a thoirt seachad an cuisean eile. Chuir e mach a cheud dan a rinn ainmeil e mar bhard anns an leabhar naigheachd aig Blackwood, an 1843, agus ’se cunntas air bas “Iain Dubh nan Cath” a bh’ ann. Fhuair e a staigh mar aidmheil ar an cathair Snas-labhairt an Ard-sgoil Dhuneideann ’sa bhliadhna 1845, ach sgriobh e cha mhor a h-uile mios an deigh sin airson iomadh bliadhna do ’n leabhar aig Blackwood. Phos Aytoun nighean an aidmheileir Wilson ’sa bhliadhna 1849, ach chaochail i gun teaghlach an ceann deich bliadhna. An deigh so bhris a shlainte, agus ged a chaidh e thairis airson muthadh adhair, agus e sona leis an darna mnaoi, a phos e an 1863, dh’ fhas e ni’s laige anns a gheamhraidh 1864-5, agus chaochail e anns a mhios Liunasdail 1865. Iadsan a Phaigh, Domhnull Mac-a-Ghobha, Duntroon, Ont. Aonghas Bell, Duntroon, Ont. Niall Mac Dhiarmaid, Duntroon, Ont. A. D. Mac Leoid, Kinross, E. P. I. Iseabal Oudekerk, Chases Lake, N. Y. An t-On. A. Mac Gillebhrath, Antigonish. An t-Urr. S. Friseal, St. Andrew’s, N. S. Bean Thomais Mhitchell, Hogamah Iain Mac Fhionghain, Hogamah Oighrig Nic Aoidh, Beinn-a-Mharmoir, Iain Mac Fhionghain, Rosedale Alasdair I. Mathanach, L’Ardoire Iseal. Coinneach A. Mac Fhearghais, L’Ardoire Iseal. Anna Chaimbeul, Ceap Nor, Domhnull Mac Cuithein, Whitney Pier. An t-Urr. I. W. Mac Isaic, Sidni. Ioseph Mac Mhuirich, Loch Bhlackett, Iain I. Gillios, Loch Ghilliosa, Iain Kempt, Leitches Creek, An t-Urr. Alasdair Beutan, Arichat, Eachunn D. R. Mac Neill, Xmas Island. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. [TD 77] [Vol. 8. No. 10. p. 5] NAIGHEACHDAN. An latha a thoisich sgoil a bhaile air an fhoghar so, bha ceithir cheud us coig air fhichead de sgoilearan a lathair. Am feadh a bha na saighdearan a deanamh cuimse air targaid anns an acarsaid Di-haoine s’a chaidh, chaidh soitheach-seolaidh seachad eadar fear de na gunnaichean agus an targaid nuair a bhathas a losgadh na h-urchair, Chaidh am peileir eadar na cruinn, agus spraidh e beagan taobh eile ’n t-soithich. Chaidh tearnadh caol ora-san a bh’ air bord. Bha Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh ’na latha gle stiormeil. Bha a ghaoth anabarrach mor, agus chaidh aireamh shoithichean a chur air tir leatha mu chladaichean na roinne so, agus mar an ceudna timchioll air Newfoundland. Chaidh da shoitheach-seolaidh a chur air tir faisg air Whitney Pier, agus rinneadh milleadh nach bu bheag orra. B’ fheudar do na bataichean aiseig sgur a ruith car uine gus an robh an stoirm seachad. Thug iolaire ionnsuidh air paisde gille a thoirt leatha ann am Ball’s Creek Di-haoine s’ a chaidh. Bha dithis chloinne le Uilleam Ball a cleasachd faisg air an tigh ’nuair a thainig i ’sa rinn i greim air a ghille, aois da bhliadhna. Ruith an nighean, aois cheithir bliadhna, a stigh far an robh a mathar, agus air dh’ise tigh’nn a mach le sguabaich, fhuair i an t-ian a chur air falbh. Bha an gille tuilleadh us trom air son na h-iolaire, agus cha robh dol aic’ air a thogail ach astar beag o’n lar. Bha e air a sgriabadh gu dona h-inean, ach a bharrachd air sin cha d’ rinneadh dochann sam bith air. Bha coinneamh aig muinntir a bhaile oidhche Di-mairt gus tuilleadh airgeid a bhotadh air son larach na h-obair iarruinn a cheannach. Dh’ aontaich iad roimhe leth cheud mile dolair a thoirt seachad air son an aobhair sin, ach ’nuair a chaidh an larach a cheannach, chosg i corr us ceithir cheud mile, mar a chualas cheana. Aig a choinneamh so bha air iarraidh orra $35.000 a bhaotadh air son an t-suim sin a dheanamh suas, agus gach cosguis a bha timchioll air ceannach na laraich a phaigheadh. An deigh moran bruidhne taobh air taobh, agus troimhe-cheile nach bu choir fhaicinn aig cruinneachadh dhe’n t-seorsa, bha an t-suim air a bhotadh gun ach fior chorra ghuth a bhi air a thogail na aghaidh. Thainig dithis dhaoine do ’n bhaile feasgar Di-satharna ’sa chaidh le each us cairt-rathaid, agus beagan an deigh dhaibh tighinn thairg iad an da chuid a reic air leth cheud dolair. Dh’ aontaich Aonghas Domhnullach an ceannach uatha agus bha e ri ’m paigheadh Di-luain. Dh’ fhag iad an t-each aige, agus ’sa mhaduinn Di-luain thainig iad a dh’iarraidh an airgeid. Ach ’se bha feitheamh orra maor a bhaile, a ghlac iad mar mheirlich. Chaidh an t-each a fhuaras aca a ghoid air River Inhabitants, agus a chairt rathaid an ait-eigin an taobhsa dhe sin. Thug iad seachad gu’m b’ainm dhaibh Finlayson, agus gu’m buineadh iad do Mhargaree. Chaidh an toirt air falbh gu Arichat, far am bheil aca ri cùirt a sheasamh an ùine ghoirid. Tha reis each gu bhi ann am pairc-throtaidh Shidni Di-luain s’ a tighinn, agus ann an Sidni Tuath Di-mairt. Tha duil ri aireamh mhor each a bhi anns gach reis. Bha ceo trom air an acarsaid ’sa mhaduinn Di-luain, cho trom ’s nach robh e comasach faicinn ach astar gle ghoirid. Chaidh an da bhat-aiseig seachad air a cheile ’s gun ach mu fhicheid troigh eatorra. Bha na bataichean-smuide uile a seideadh nam fiideagan fad na h-uine agus a deanamh fuaim nach robh idir taitneach, air eagal gu’m buaileadh iad na cheile. Thainig an soitheach “Diana” a bha anns an airde tuath le biadh agus cuideachadh do Lieutenant Peary, air ais air an t-seachdain so, agus thaghail i ann an Sidni Di-luain. Rainig an soitheach eile, an “Windward,” Brigus, Newfoundland, la na Sabaid. Bha Peary ’s a chuideachd gu math, agus a sior chur an aghaidh air an airde tuath. Chaill Peary seachd de mheoirean a chas le reothadh a gheamhraidh s’a chaidh. Chuir fear a mhuinntir Bonne Bay, Newfoundland, teine ri factoridh ghiormach a bhuineadh do na Frangaich air cladach a deas na duthcha sin o chionn dha no tri mhiosan air ais, agus thatar a fagail air gu robh e air a thuarasdalachadh gu sin a dheanamh le ceannaichean am baile St. John’s. Chaidh an duine thoirt gu cuirt air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuaireadh ciontach e; tha e ri bhi anns an tigh-obrach fad bliadhna, agus an sin bidh e air fhogradh bhar an eilein fad da bhliadhna. Ma bha lamh aig daoin’ eile ’sa chron a rinneadh cha d’ thainig e ’m follais orra. Ann an Listowel, an Ontario, air an t-siathamh latha dhe ’n mhios so, chaochail Iain Mac Dhunleibhe, brathair do’n Dr. Mac Dhunleibhe ainmeil a shaothraich re iomadh bliadhna ann an Africa, agus a thug suas a bheatha anns an duthaich fhaidhaich sin. Bha Iain da bhliadhna na bu shine na ’n dotair; rugadh e ’sa bhliadhna 1811. Thainig e do Chanada ’sa bhliadhna 1840, agus bha e ’na cheannaiche ann an siorrachd Pheirt o chionn faisg air da fhichead bliadhna, agus bha siorbheachadh math leis. Bha e ’na dhuine aig an robh deagh fhoghlum, a rinn moran leughaidh, agus a shiubhail roinn mhath dhe’n t-saoghal. Tha moran de’n luchd-obrach a bha timchioll na h-obair iaruinn an deigh a fagail; tha iad mi thoilichte leis an tuarasdal. Cha ’n eilear, ma’s fior gach sgeul, a gealltuinn tuarasdail sonruichte do dhuine sam bith nuair a tha e dol a dh’ obair; feumaidh e feitheamh gu latha paighidh airson fhios sin fhaotainn. Dh’ fhalbh aireamh mhor de na daoine bha ’g obair air cladhach cloiche aig Cox Heath, Di-haoine s’a chaidh; bhuineadh iad gu ire bhig uile do Halifacs, agus ’se b’ aobhar iad a sgur gu robh na daoine eile bha ’g obair comhla riutha, muinntir Newfoundland, deonach obrachadh air tuarasdal sam bith, beag no no mor. Cha’n eil teagamh, co-dhiu, nach eil moran de’n luchd-obrach a thainig a Halifacs ’sa bailtean eile an lorg na h-obair-iaruinn, na’s deigheile air a bhi ’nan tamh na tha iad air a bhi ’g obair, agus nach iarr iad moran leifgeil air son sgur. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— STATIONS. Express 90. Accom. Di-mairt, Dior-daoin, Di-satharna 92. Express 94. [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 78] [Vol. 8. No. 10. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 75.) an do ghabh iad an suipear, agus an sin chaidil iad gu trom gus an robh e dluth air a’ mheadhain-oidhche. Dhuisg Marsabhan am prionnsa, ach cha do dhuisg e na seirbhisich idir. Thuirt e ris a’ phrionnsa an deise a bha uime a thoirt dha, agus e-fhein chur uime na deise eile a bh’ aige. Gun dail sam bith mharcaich iad air falbh cho cabhagach ’s a b’ urrainn daibh. Agus bha each aig Marsabhan air shrein a bharrachd air an each a bha fodha. Ann an soilleireachadh an latha rainig iad coille mhor. Aig iomall na coille bha ceithir rathaidean a’ coinneachadh a cheile. Dh’ iarr Marsabhan air a’ phrionnsa stad beagan uine far an robh e, agus chaidh e fein a steach do ’n choille. An sin mharbh e an t-each a thug e leis air shrein o ’n taigh-osda, agus an uair a shrac e an deise a fhuair e o ’n Phrionnsa, agus a thum e ann an fuil an eich i, thilg e ri taobh an rathaid i. Dh’ fheoraich am prionnsa dheth c’ar son a rinn e sid. Thuirt Marsabhan ris, gu’n robh e cinnteach gu ’n cuireadh ’athair daoine air a thoir cho luath ’sa theannadh e ri gabhail fadachd nach robh e tilleadh dhachaidh, gu h-araidh an uair a thilleadh na seirbhisich, agus a dh’ innseadh iad mar a dh’ fhalbh iad gun fhios air feadh na h-oidhche. “An uair a thig iad a dh’ ionnsuidh an aite so,” ars’ esan, “agus a gheibh iad an t-aodach agad lan fala, smaoinichidh iad anns a’ mhionaid gu’n do mharbh fiadh-bheathach thu, agus gu’n do theich mise le mo bheatha air eagal gu’n cuireadh d’ athair gu bas mi. An uair a chreideas an righ gu’m bheil thu marbh, cha chuir e duine tuilleadh air do thoir. Agus faodaidh sinne ar turus a ghabhail air ar socair fhein, gun eagal sam bith gu’n deanar torachd oirnn. Ach tha mi ag aideachadh gur e gnothach gle mhi-iomchuidh dhuinn a thoirt air d’ athair, ’na shean aois, a chreidsinn, gu’m bheil ’aon mhac marbh, gu h-araidh an uair a tha e cho fior mhiadhail ort. Ach is ann a bheir so an tuilleadh aoibhneis dha an uair a gheibh e ’mach gu’m bheil thu beo. slan.” Chord an doigh a ghabh Marsabhan gus iad a dh’ fhaighinn air falbh gun fhios do ’n righ, anabarrach math ri Alsaman. (Ri leantuinn.) Eachdraidh Cholumbuis. Ann an sgoil araidh dh’ iarr am maighstir sgoile air na gillean eachdraidh ghoirid a sgriobhadh air Columbuis. So an ionnsuidh a thug fear de na gillean. Bha Columbus ’na dhuine a b’ urrainn toirt air udh seasamh air a cheann gun a phlaosg a bhristeadh. Thuirt righ na Spainne ri Columbus: “An teid agad air America fhaotainn a mach?” “Theid,” arsa Columbuis, “ma bheir sibh fein dhomh soitheach.” Fhuaireadh soitheach dha, agus sheol e thar chuain air a chursa anns an robh e ’smaoineachadh am bu choir do America a bhith. Thoisich na seoladairean ri deanamh aimhreit, ’s iad ag radh nach robh iad a’ creidsinn gu robh leithid a dh’ aite ’s America ann. Ach an ceann moran lathaichean thainig an stiuireadair far an robh e agus thuirt e: “A Cholumbuis, tha mi faicinn fearainn.” “Ma tha,” arsa Columbus, “feumaidh gur e America a th’ ann.” ’Nuair a thainig an soitheach faisg air tir, bha an t-aite lan de dhaoine dearga. “An e so America?” arsa Columbus. Thuirt iad ris gu’m b’e. “Agus is sibhse na h-Innseanaich?” dh’ fhoighneachd e. “Is sinn, gu dearbh,” ars iadsan; agus thuirt an ceann-feadhna, “Tha mi cinnteach gur tu fein Columbuis.” “’S mi,” arsa Columbus. An sin thionndaidh an ceann-feadhna ri chuid Innseanach, agus thuirt e riutha: “Cha’n eil cothrom air; fhuaradh a mach sinn mu dheireadh.” A reir sgeoil cuid de na paipearan chaidh uiread truisg a ghlacadh ann an Newfoundland o chionn ghoirid ’s gu’m b’ fheudar moran dheth a thilgeadh air falbh le cion salainn a shailleadh e. Am Feillire. SEPTEMBER, 1899. 1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644. 2 Di-satharna La Worcester, 1661. 3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis. 4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine 9 Di-satharna La Flodden, 1513. 10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis. 11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297 12 Di-mairt La Abareadhain 1644. 13 Di-ciaduin Ciad Mhod a’ Chomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892 14 Dior-daoin 15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752. 16 Di-satharna 17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis. 18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759. 19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-ciaduin 21 Dior-daoin 22 Di-haoine Da Sliabh a’ Chiamhain, 1745. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis. 25 Di-luain 26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854. 27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaolain, 1852. 28 Dior-daoin 29 Di-haoin An fheill Mhicheil. 30 Di-satharna MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F. A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F. An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B [TD 79] [Vol. 8. No. 10. p. 7] BAIL’-IASGAICH AN IAPAN. LE BANA-MHISIONARIDH. Cha robh mi riamh aig Yarmouth, agus air an aobhar sin, cha’n urrainn mi am baile so a choimeas ris; ach, is urrainn domh fianuis a thoirt gu ’m bheil am baile so, d’ an ainm Esashi, air taobh an iar corsa Hokkaido, beo ann an tomhas mor air an iasgach. Bha so soilleir an uair a rainig mise am Mai, mu mheadhon season iasgach an sgadain. Bha air gach tigh ribinnean de sgadain air an crochadh a mach gu tiormachadh. Bha mullach nan tighean comhdaichte le sgadain; cha robh aite fosgailte, no togail ’s am bith, air nach robh ceudan de sgadain air an sgaoileadh a mach ’s a’ ghrein, agus anns an aileadh. Bha an luchd-aiteachaidh a bu bheairtiche a’ lionadh an tighean-stoir leo, agus bha batan-smuide a’ tighinn gach latha as gach cearna, gus an lan de sgadain a thoirt air falbh. Bhuineadh an tigh d’ an tugadh mise do dhuin’-uasal d’ am buineadh iomadh bata agus iomadh tigh-stoir; agus air do’n tigh so a bhi faisg air a’ mhuir, bha mi a’ faicinn agus a faireachdainn an eisg a latha agus a dh’ oidhche. ’Na uairean, am feadh a bha an season ’na sheusor, bhitheadh daoine ag obair a’ chuid mhor de ’n oidhche anns a’ chuirt fo m’ uinneig-se, a’ deanamh suas cheanglaichean mhora de dh’ iasg air son bata-smuide air chor-eigin ’s an acarsaid, a bha deas gu falbh aig bristeadh an latha. Nan rachadh neach do bhuth a cheannachadh an ni a bha a dhith air, agus nach robh e aig a’ cheannaiche, dh’ innseadh e dhuit, nach b’ urrainn duit fhaotainn, gus an rachadh an t-iasgach seachad. Nam feoraicheadh tu, am faigheadh tu mir feola r’a cheannach, theireadh iad riut, nach faigheadh, gus am bitheadh an t-iasgach seachad. Nam bu mhaith leat cuid-eigin fhaicinn, dh’ fhalbh e a ghlacadh sgadan. Agus nam bu toil le muinntir tiodhlacan a chur g’ an cairdean, bha iad cinnteach sgadain, no iasg air chor-eigin eile a chuir thuca. An uair a bha na sgadain mhaithe uile air an itheadh, air an tiormachadh, air an sailleadh, no air an cur ’s na tighean-stoir, bha an sgadan a bha air fhagail diubh, torrannan mora, air an tiormachadh mar an ceudna, agus air an cur ann an tighean-stoir, gu a bhi air an cur air falbh do ’n duthaich chum am fearann a mhathachadh. Aig an am so, miosa October, tha mi fathast a’ faicinn dunain mhora, de’n treamsgal so, air an cur a mach a tighean-stoir an duine d’ am buin an tigh ’s am bheil mi, agus an sin, air an deanamh suas ’nan ultaichean mora, agus air an giulan gu batan an taobh am muigh a gharaidh, gu dol air bord luing air chor-eigin a tha a’ dol a dh’ ait’-eigin. Agus eodhon, gus an latha an diugh, tha sreathan fada, de sgadain thioram, crochta os cionn na cagailt ann am meadhon an t-seomair itheanaich, ach tha mi a’ toirt fainear gu’m bheil na sreathan so a’ giorrachadh o am gu am. An uibhir so air son an eisg—Ach am bheil dad ’sam bith eile ann an Esashi? Anns a’ cheud aite, air dha a bhi taobh na mara, tha sealladh cuain farsuinn aige—bagh mor leathan, le beanntan arda, sgoran biorach, agus mullaichean loma, air aon taobh, agus air an taobh eile, bruthaichean uaine, breachta le deadh aireamh de bhailtean beaga, agus direach fa chomhair, tha eilean fada, le tigh-soluis air a bhinnean. Ach a nis gu pilltinn o’n chruthachadh nadurra gus a chinne-daonna, tha aig Esashi—co am baile aig nach ’eil?—gu leor a dh’ oigridh aighearach, lugharr, ’na sraidean. Cha’n ’eil, a reir coslais, feum air a mhaor-sgoile ann an Iapan. An uair tha na sgoilean a stigh, cha’n fhaicear aon bhalach, no a bheag de chaileagan, a’ dol mu’n cuairt ’s na sraidean—ach anns gach aite chithear naoidheanan bideach le banaltran beaga. Shaoileadh neach gu’m bheil a chlann bheag air am fagail gu curam a ghabhail dhiubh fein, ach cha thonlagain iad fada o na dorsan, gu’n suil mathar no seanmhar a bhi orra. Anns na sraidean troimh am bheil mise a’ dol latha as deigh latha, tha e ’na shealladh boidheach, bhi a’ faicinn nam magran beaga so, a’ faire le mothachadh, gus am beic a dheanamh dhomhsa; agus gu dearbh is iomadh eudan maiseach agus guth binn a tha ’n am measg. Is tric a smuaintich mi, an uair a tha mi ag imeachd sios agus suas ’n am measg, agus a’ coinneachadh ris na h-uibhir de chridhealas agus de mhodh, cho tur dhealuichte is a bhitheadh e, nam bithinn a’ fuireachd ann am baile am meadhon China, far an cluinnear iomadh facal mi-choimhneil. Gidheadh, bithidh balaich ’n am balaich, anns gach cearn de’n t-saoghal, agus far am bi iad, bithidh upraid. Ach tha a leithid de dheadh fhearas-chuideachd anns a’ ghleadhraich agus anns an aotromas a tha aca, mar a chithear iad ’s na sraidean, no mar a choinnichear riu anns an sgoil. Thachair e, gu’m bheil agamsa moran barrachd r’a dheanamh, air Sabaid agus air seachduin, ri balachain no ri caileagan; agus ’s a’ chumantas, tha iad ’n an giullain laghach gu gnothuch a ghabhail riu, agus is maith leam facal maith a labhairt orra. Tha caileagan na tire ’nan creutairean seamh, samhach, agus tha iad mar a’s trice air curam brathar no peathar; saoilidh neach gu’m bheil iad duinte seanachrionta ’n an doigh; ach an uair a chi thu i, a’ sealltuinn cho luath-ghaireach, agus am paisde leatha air a muin, tuigidh tu nach ’eil e air doigh ’sam bith ’na eallach di. Ann an dachaidhean nam balachan agus nam caileagan so, choinnich sinn ri moran cairdeas; ach is e mo bhron, nach ’eil e a’ dol na ’s fhaide na cairdeas pearsanta; oir, tha barrachd na so a dhith oirnn. Bu mhaith leinn gu’m feoiricheadh feadhainn de na boirionnaich mhodhail, chairdeil so dhinn, gu de a tha againn r’a innseadh dhoibh; ach, air son aobhar air choreigin, cha’n ’eil an t-iarrtus so a’ dusgadh ann an inntinn aoin diubh. Am feud e a bhith gu’n do chaill “Sgeul a mhoir aoibhneis,” a chumhachd talaidh anns a bhaile so, mu’m bheil e air a radh a nis uine cho fhada, nach ’eil speis aige dha? No an d’ rinn an crabhadh duthchasach greim tuilleadh is daingean air an t-sluaigh? No am bheil curamanan an t-saoghail so tuilleadh is laidir air an son? No am bheil sinne, an luchd-soithreachaidh, a bu choir a bhi “’n ar fianuisean air na nithean so,” a dh’ easbhuidh an durachd cridhe sin, a bhuineas do ar fianuiseachadh? Ach is e so ceist an t-seann Fhaidhe, a tha tric air a h-ath aithris ann a eachdraidh—“Am feud na cnamhan so teachd beo?” Agus is i an fhreagairt—“Thig, O anail, agus seid air na mairbh so, chum gu’m bi iad beo.” SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 80] [Vol. 8. No. 10. p. 8] Orain Molaidh. ’Mhairi mhin ’choinnich mi, ’S tu ri ni anns a ghleann, Bha mi-fhin air do thi; ’S ro mhath b’ fhiach dhomh ’bhith ann. Tha mo dhuil ann am run Gur ni thu nach h-’eil meallt’, ’S tha mi cinnteach a m’ ghaol Nach h-’eil caochladh dhuit ann. ’Ghruaghach og ’n fhuilt mar or, ’S millse pog bhuait na mhil. De mo dheoin bheirinn, ’oigh, Dhuit mo dhochas ’s mo chion; Gruaidh mar ros, dearg na ’s leoir, ’Mhealladh dochas gach fir ’S tric do ghaol ’tigh ’nn ’am thaobh, ’S e ga m’ chlaoidh mion air mhion. Mion air mhion a ta dheth m’ osnaich Bhon a dh’ fhiorsaich mi do ghnath; Muin air mhuin a thig e ’nise, Dhomhsa ’s miosa mar a tha. Och nan och, mar dh’ fhag sud mise, ’S abhar clisgidh dhomh gu brath. ’S e bhith smaointeachadh bean t’ fhasain A dh’ fhag agam aiceid bhais. Dh’ fhag e aiceid gu mo bhas Mheud ’s tha dh’ ailteachd ort ri ’luaidh. Deud mar chailc air dhreach nan cnamh, Cas-bhuidh’ tlath cul do chuaich’. Ma ’s e maise deirg’ is ban, Gu bheil ailleachd ann ad shnuadh; Beul a ’s banaile, ’ni gair’, Gnuis a ’s aillidhe ’measg sluaidh. Gnuis a ’s aillidhe ri ’fhaicinn Tha do dhreach air dol thar chaich. Ann an diomhaireachd do phearsa Cha ruig blaisbheum ort gu brath. Ann ad dheanadas ’s ’ad choltas Cha ruig droch-sgeul ort ri d’ la. ’S eagal leam nach faigh mi fath ort, Ma theid t’ abhaistean os n-aird. Ma theid t’ abhaistean os n-aird Anns na h-aiteachan mu ’n cuairt, ’S eagal leam nach faigh mi paigheadh Anns a ghradh a thug mi bhuam, Aig a liuthad fear le oighreachd ’Thig a dh’fhaighneachd bean do shnuaidh, Nach iarradh airgiod no or leat Ach do phosadh air an uair. Air an uair an gabht’ ort sealladh, Cha b’ ann caileil bha do chaoin; T’ aodann cho geal ris a chanach, Da shuil ghorm fo d’ mhala chaoil. Gruaidh ghlan mhaiseach mar am flur, No mar ubhal air a chraoibh. Chaidh thu ’n combaiste na gloine, ’S culaidh thu gu mealladh gaoil. ’Mhairi ghrinn a guth’ bhinn, ’S na gnuis shiobhalt’ gun uaill, Cha ’n ’eil fear a chuir ort iul Nach bi ’dhurachd dhuit buan. Aig a mheud ’s thug mi run dhuit Cha duraig mi dhuit fuath; ’S e ro mheud ’s th’ orm dhe d’ mhiann Dh’ fhag mo chiall ’ga bhuin uam. ’S tric do ghaol ’tigh ’nn fainear dhomh Nuair a tharlas mi leam fhin, Mheud ’s tha ’mhais’ ort ri ’fhaicinn ’Measg a bhannal far am bi, ’Ghruagach a ’s modhaire sealladh Dh’ fhoghnadh mar leannan do righ; Suil ghorm mheallach, beul dearg tana, Falt buidh’ clannach a’s glan li. Tha do li ruiteach, min, Maiseach, siobhalta, suairc; Tha do bheusan an geill Ann an ceutadh ’s an uaill. Tha do dheanamh gun bhith meanbh, Gun bhith garachdail mu ’n cuairt; ’S tha do cheanaltas an cainnt Ann am bainndeachd ’s an stuaim. Tha do stuaim mar bu dual, Ann an uaisle ro mhor; Cha ’n ’eil do-bheairt, a luaidh, Ann an suuaireas do bheoil. ’S tu mar neach a chuirt’ an dealbh, Gun bhith meanbh, gun bhith mor; Gun fhiach cuileig de chron cum’ ort Bho do mhullach gu do bhroig. Bho do mhullach gu do boroig, Gur tu ’n oigh a ’s aillidh dealbh; ’S gur ni ’s mo na na ’s eol Do chainnt mo bheoil do chur am foirm. Bho nach dean mi tuilleadh innseadh, ’S rud a ni mi fuireach balbh; ’S mur faigh mi fath air do phosadh, ’S ann a ’s docha mi bhith marbh. Thatar ag radh gu’m b’e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair a rinn an t-oran so; tha muinntir a tha fiosrach mu bhardachd ag radh gu bheil e gle choltach ri obair. Orain Gaoil LE UILLEAM ROS. Tha mise fo mhi-ghean ’san am, Cha’n olar leam dram le sunnd; Bha duil agam tuitean ad dhail, Nam fiosraicheadh cach mo ghrunnd; Cha’n b’eol domh r’a faicinn air sraid, An cailin ’bu tlaithe suil Na’n leannan a bh’ agam dhomh fein; ’S e do mhacnas a b’ eibhinn lium. ’S e do mhacnas a b’ eibhinn lium ’N am eirigh gu h-ur a m’ shuain. Cha’n fheil mi gam fhaireachdainn slan; ’S e do thurus a dh’ fhag mi truagh, ’S lionmhor bord air ’n do chuir mi a sios Do chomhradh a b’fhiach thoirt bhuait Tha mise gun cheangal bho ’n chleir, ’S ghabh is’ an ratreut air chuan. A ghruagach bha uasal ad bheus, Ged ghabh thu ’n ratreut air chuan, Cha’d lughdaich sud bonn de mo speis, Ged thug e mo cheile bhuam, An ni sin a dh’ ordaich Mac De, Gun dig e gu feum air ’uair, Gheibh gach oganach deas a bhean fein Gus an dealaich o cheil’ iad uaigh. A ghruagach a ’s bachlaiche cul, Tha mise ga t’ ionndrainn mor. Ma thagh thu deagh aite dhuit fein, Mo bheannachd gach re ga d’ choir Tha mise ri osnaich ad dheidh, Mar ghaisgeach an deis a leon, Na laighe ’san araich gun fheum, ’S nach deid anns an t-sreup na ’s mo. ’S e dh’ fhag mi mar iudmhail air treud, Na fhuair thu de m’ speis bho thus; Do thurus thar thonnan fo bhreid Thug bras-shileadh dheur o m’ shuil. O, b’ fhearr dhomh nach mothaichinn fein Do mhaise, do speis, ’s do chliu; No suairceas caoin milis do bheil, A’s binne na seis gach ciul. Gach aon duin’ a chluinneas mo chas Tha ’cur air mo nadur fiamh, Ag radh nach h-fheil annam ach bard, ’S nach cinnich leam dan a’s fiach. Mo sheanair bha paigheadh a mhail, ’S bha m’ athair ri maileid riamh; Is chuireadh iad gearrain an crann, Ach ghearrainn-sa rann roimh chiad. Is fada tha m’ aigne fo ghruaim, Cha mhosgail mo chluain ri ceol; Mi ’m breislich mar anroch a chuain Air bharraibh nan stuadh ri ceo. ’S e ionndraichionn t’ abhachd-sa bhuam A chaochail air snuadh mo neoil; Gun sugradh, gun mhire, gun uaill, Gun chaithream, gun bhuaidh, gun treoir. Cha d’ fhas orm mo chabair cho ard, ’S nach faighteadh dhomh samhladh ’s tir; ’S cha’n fheil mi mar udlaich air spreidh, No fear nach dug speis do mhnaoi, Ri m’ shaoghal cha bhithinn fo bhron Nam faighinn ort coir dhomh fhin; Ach dhealaich thu rium ri mo re ’S gur a fad tha mi fein ga d’ chaoidh. Cha duisgear leam ealaidh air aill, Cha chuirear leam dan air doigh, Cha togar leam fonn air a chlar, Cha chluinnear leam gair nan og, Cha dirich mi bealach nan ard, Le suigeart mar bha mi ’n tos: ’S ann thriallas mi ’chadal gu brath Do thalla nam bard nach beo. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. A. J. G. MacEACHUINN. Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 81] [Vol. 8. No. 11. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 22, 1899. No. 11. OBAIR GHAILIG RO LUACHMHOR. DAIN IAIN GHOBHA. Sgriobh Tacitus, gu dileas, eachdraidh athar-ceile, Agricola; sgriobh Boswell, le mor chomas, eachdraidh beatha an Dr. Johnson; sgriobh Lockhart, le fior chuimse, beatha Shir Walter Scott; sgriobh Trevelyan, le deadh bhreithneachadh, beatha a’ Mhorair Macaulay; agus an uair a their sinn, gu’n airidh Seoras Henderson, a chruinnich agus a dheasaich an obair Ghailig fhiachail so, air a bhi air ainmeachadh, comhla ris na sgoilearan mora a dh’ ainmich sinn, tha sinn ag innseadh ann am beagan fhacal, am meas comharraichte a tha againn air fein, agus air an obair chliuiteich a rinn e. Cha robh o chionn iomadh bliadhna air a clo-bhualadh ann an Gailig, obair a’s airidhe air a bhi air a leughadh na an obair Ghailig so. ’S e a h-ainm, “Dain Iain Moireastan, Bard-Ghobha na h-Earadh, air an cruinneachadh agus air an deasachadh le eachdraidh beatha an ughdair, le Seoras Henderson, M. A., Ph. Doc;” agus clo-bhuailte le Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, 47 Sraid Waterloo, Glaschu. Tha an obair so air a roinn ’n a Da Leabhar mhor, eireachdail. Thainig a’ cheud aon diubh a mach, an 1893; agus an dara aon ann an 1896. Anns a’ cheud leabhar, gheibh an leughadair ann am briathran deas-chainnteach, rannsachail, co-fhaireachail, agus cuimiseach, eachdraidh beatha Iain Moireastan, an gobha ainmeil, an ceistear diadhaidh, agus am bard geur-chuiseach. Bha Iain Moireastan ’na dhuine cuimir, fearail, fialaidh; ’na ghobha innleachdach, ordail, gleusda; ’n a cheistear coguiseach, tomadach, tarbhach; agus ’n a bhard domhain, spioradail, eideachail. Thuirt Tearlach Haddon Spurgeon aon uair ri caraid, gu’m bu mhath leis fein eachdraidh a bheatha a bhi air a sgriobhadh, nam faigheadh e duine, cosmhuil ri Uilleam Arnot, a sgriobh beatha an Dr. Hamilton, gu a bheatha-san a sgriobhadh. ’S e an Dr. Henderson ar n-Arnot, a thug dhuinn eachdraidh beatha agus bardachd Iain Moireastan, Bard-cheistear na h-Earadh. ’S a’ cheud leabhar so, gheibh ar leughadairean eolas air diadhair treibh-dhireach eile, Alasdair Mac Leoid, Ung-na-Cille, ’s an Eilein Sgiathanaich, a bha do Iain Gobha, mar a bha Ionatan do Dhaibhidh. Gheibhear, mar an ceudna, ’s an leabhar so, cunntas ro thaitneach air Domhnullach Mor na Toiseachd, agus air ’athar diadhaidh, ceistear sgire Mhiora. Bu mhath leinn rannan, de dhain an leabhair so a thoirt d’ar leughadairean, ach tha na h-uibhir diubh ann, agus iad uile cho taitneach, gus nach ’eil fhios againn c’aite an toisich sinn. O’n a tha sinn a’ creidsinn, gu ’m bheil na Gaidheil gu leir eolach air an Dan, “Gleachd an t-Seann Duine agus an Duin’ Oig,’ is ann a bheir sinn dhaibh rann no dha, a Dan na Breadalbainn, a rinneadh leis a’ Bhard an 1851:— “’N uair lion na siuil aic’, gach aon diubh ’s bru air, ’S a croinn mar iubhrain a’ lub ’s an uair, Bha coileach dubh-ghorm a’ ruith o’n stiuir aic’, ’N a chamalaig lubaich ri durdan cruaidh; ’S e ’ceum ’bha siubhlach a’ leum gu sunndach, Troimh ’n mhuir ’bha sruladh gu dluth m a cuairt, Gu ’m b’fhior chruit-chiuil a bhi ’g eisdeachd buirein, A tormain surdail bu bhruchdail fuaim. ’N uair chuir i ’n caol sin, ’s a fhuair i faothachadh. Mar fhiadh an aonaich ’s e ’n caonnag chruaidh, Bha ’ceum cho aotrom ri carb nan raontaibh. ’S na coin fo’n chaothach g’ an cur dian ’n an lnath’s; Gu Maol Chinntire bha stoirm ’na h-aodunn ’S cha d’ rinn i pilltinn roimh mhill nan stuadh, ’N uair fhuair i ghaoth leath’ taobh thall na Maoile, B’ i fein an t-sraonag feadh mhin uisg’ Chluaidh” Co an t-eileanach, a thogadh aig beul a’ chuain, agus a bha tric air a’ mhuir, nach duisg na rannan so iomadh smuain ’na chridhe? Bheir Gailig mhaiseach, cheolar nan rann so, ’n ar cuimhne “Beairteachadh na Birlinn,” le Mac Mhaighstir Alasdair, agus “Na Lochlannaich an Ile,” le Uilleam Mac Dhunleibhe. Tha sinn toilichte gu’m bheil a’ Cheud Leabhar de bhardachd Iain Gobha ’s an dara clo-bhualadh. Reiceadh gach aon de’n cheud chlo-bhualadh. Agus tha sinn an dochas nach fhada gus am bi gach aon de ’n dara clo-bhualadh mar an ceudna air an ceannach le ar cairdean Gaidhealach. Bithidh na Goill a’ cur as ar leth nach ’eil aona chuid leabhraichean againn, agus nach mo a cheannaicheas sinn iad. Thuirt sinn cheana gu’n deach an Dara Leabhar de ’n obair so a chlo-bhualadh an 1896. Tha sinn an dochas gu’n dean ar cairdean greim air, agus nach fhada gus am feumar an dara clo-bhualadh a bhi againn deth. Tha e cho fiachail ris a’ cheud leabhar. Gheibhear cunntas cothromach ann air moran de mhuinntir an Eilein Fhada, nach faod sinn a dhichuimhneachadh. Tha moran eolais air a thoirt duinn, ann an Roimh-radh an leabhair so, air cairdean Iain Gobha. Chithear ann cuid de litrichean a’ Bhaird, maille ri iomradh cliuiteach air a pheathraichean, Mairi agus Eibhric, a bha ’n am bana-bhaird. Tha aon dan le Mairi, agus aireamh dhan a rinn Eibhric, air an clo-bhualadh ’s an leabhar so. Bithidh an leughadair curamach toilichte gu ’n tachair air ’s an earrainn so de dh’ obair ceistear na h-Earadh, cunntas grinn, teo-chridheach mu a mhac gaoil, Domhnull Munro Moireastan, a bha ’na lighiche comasach, measail, gradhach, ann an Duneideann. Bha Domhnull ’n a dhuine ioma-pairteach. Bha e ’na dheadh bhard, agus ’na sgoileir Gailig ainmeil. Theireadh a chairdean a “Cheardach” ris a bhuth chungan-leigheis, a bha aige ann an Duneideann. Chaith caraid domh, agus mi fein, feasgar latha araid ’s a’ “Cheardaich,” agus cha chuirear an gradaig as ar cuimhne, cridhealas agus caoimhneas, Dhomhnuill Munro Moireastan. An deigh a bhais, cheannaich mi, ann an Duneideann, a chopy ghasda, a bha aige de “Bhratach na Firinn.” Cluinneamaid de ’tha Iain Moireastan ag radh ann an Dan na Misg:— “Tha peanas na misg gu tric ’n a sgiort fein— Croit ’s asnaichean briste, mam-sice, ’s cnead cleibh, Cinn ’s cruachannan liodraicht’, us ioscaidean leirt’, Rinn criplich gun fheum de mhoran. FONN— A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bho’n ol? A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bho’n ol? A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bho’n ol? Mu’n sgrios e gu bron fadheoidh sibh? Gheibh fear a’ cheud dorn air an t-sroin ’s ni i leum, Fear ’s leob as dheth fheosaig us tocadh ’n a dhrein; Bidh peirceall fir leointe ’s car storach ’na dheud, Us ’fhalluing gu leir ’n a srocean. A chuideachd,” agus mar sin sios. Leanadh baird eile agus ughdair Ghailig deadh eiseimpleir Iain Gobha ’s a’ cheum so. An 1850, sgriobh an Dr. M. Mac Aoidh urramach, a bha ’s na h-Earadh, mu cheistear nan dan mar a leanas:—“Agus ged nach eil gineal nam bard an diugh ach ainneamh r’ am faotainn air feadh na Gaidhealltachd; tha deadh fhios againn air feadh nan cearnan uile far an d’ fhuair an t-ughdar so, Iain Moireastan, a chrannchur ’s an fhreasdal, gur h-ann da rireadh de ’n ghineil sin esan; agus gur h-ann do nithibh agus do aobhar na diadhachd, a tha a thiodhlac air a coisrigeadh leis, agus nach ann do dhiomhanas a thugadh i.” Cuimhnicheadh ar cairdean gu’n do chaith an Dr. Henderson uine, agus saoithir mhor [?] da leabhar phriseal so a dheanamh cho coimhlionta agus a b’urrainn da. Thionail e chomhla an aireamh mhor dhan a tha anns an da leabhar so, chuir e iad gu h-ordail an eagaibh a cheile, agus chuir e a mach iad air a chosdas fein—gniomh air an airidh cuimhne a ghleidheadh fhad ’s a mhaireas grian is talamh. Chuir e na Gaidheil uile aig an tigh, agus ann an tirean cein, fo fhiachaibh mora dha. Tha na rinn an sar dhuin’-uasal og so air son Iain Mhoireastain, agus air son ar canain mhathaireil, a taisbeanadh, gu’m bheil e ’na ard-sgoilear aig am bheil eolas ro fharsuinn, maille ri eud do-choisnaichte gu cliu ar n-athrichean a sheasamh, agus le cridhe lan graidh neo-chealgach do na naoimh a bhuineas do gach earrann a dh’Eaglais Chriosda. Tha Seoras Henderson, ’na Bhall Onarach de dh’ Oilthigh Iosa, an Oxford. Do’n Oilthigh cheudna bhuineadh Edward Lhuyd, a chuir cuairt air Albainn, air Eirinn is air Sasuinn a’ tional eolais agus a chur a mach a leabhar mor, ionnsuichte, air canainean ar sinnsearachd, an 1707. ’S e ar beachd-ne gu ’n do thuit falluinn Lhuyd air Henderson. Cha bhi an raon ’s an do shaoithrich sgoilearan, cosmhuil ris an Dr. Tomas Mac Lachainn, ris an Dr. Alastair Camaran, ri Eachunn Mac Illeathain, agus ri Iain og Ile, gun aiteachadh, ma dh’fheudas Seoras Henderson. Buaidh gu robh leis, agus an uair a chuirear Caithir [TD 82] [Vol. 8. No. 11. p. 2] Ghailig air a casan, co-cheangailte ri Oilthigh Ghlaschu, ’s e ar run durachdach, gu ’m faicear an Dr. Seoras Henderson ’na shuidhe innte. Thuirt Iain Ruskin, aon uair, gu ’m b’ aithne dha daoine, a rinn aon leabhar fuighail sgoileirean mora dhiubh. An Gaidheal a leughas agus a thuigeas na tha air a chuir sios eadar clair an da leabhar so, anns am bheil bardachd Iain Mhoireastan, bithidh e na dheadh sgoileir. Rugadh Iain Moireastan an 1790; chaochail e an 1852. Tha e a’ gabhail fois ’na leabaidh-shuain ann an Raoghdail a ruin air uchd a’ chuain Shiair, cuairtichte, le nuallan gaireach nan stuadh. Rugadh a mhac, Domhnull Munro Moireastan, an 1836; shiubhail e an 1889. Tha esan ’na chadal an Duneideann nan Leigh, le cluig a’ bhaile, a’ h-uile Sabaid, a’ toirt urram d’a fhior chluais-chiuil. Am bheil comhara-cuimhneachainn ’s am bith air uaigh Iain Moireastain an Cladh Raoghdail?—An Fhranuis. AIR AN T-ATH-AISEAG. B’e Lambert, fear de oifigich Chromueil, an neach bu ghniomhaich a measg chaich ann an atharrais air a mhaighstir a bh’aige roimhe. Cha robh a dol a mach a’ cordadh ri Seanalair Monc. Chuir Monc an t-arm a bha fodha fein ’an uidheam gluasaid. Dh’iarr agus fhuair e o Ard-chomhairl’ Alba paigheadh shea miosan do ’chuid saighdearaibh. Ghabh e ’n sin air aghart thun na criche Sasunnaich; ’s an nuair a rainig e amhainn Tweed aig aite ris an abrar am Fuarallt, bha Lambert aig a’ Chaisteal Nomha a’ tighinn ’na choinneamh gus a chumail air ais. Bha feachd Lambeirt dubailt feachd an fhir eile. Thoisich Lambert air teachdairean a chur uaithe mu chumhachan sith. Bha Monc ullamh gu eisdeachd, agus an uine chur seachad. Cha robh paigheadh cinnteach do’n fhear eile mar bha dhasan. Mar a bha na cumhachan a’ dol air adhart, ’s an uine ’dol seachad, bha na Sasunnaich a’ fas sgith, mi-riaraicht’ agus a falbh. Ach ni bu mheasa na so uile, thainig tuairisgeul thuige gu’n deachaidh an luchd-riaghladh a dh’fhag e’n Lunuinn troimhe cheile. B’ eigin dol air ais gus an cur ceart. Bha Monc ’an Lunuinn air a shail. Chuireadh Lambert am priosunn, ’s b’ eigin do gach neach eil’ a bha ’gabhail gnothuch ri riaghladh iad fein thoirt as. Chuir Monc a mach fiadhachadh do na daoinibh a dh’fhuadaich Cromuel as a Pharlamaid, iad a philltinn air an ais, agus an aite ’thogail ’s an tigh, ’s gu ’m biodh lan shaorsainn aca gu laghanna a dheanamh. Le ughdarras na Parlamaid so, chuireadh moran oifigeara ’us shaighdeara ceannairceach air falbh; ’s an deigh Reachdan eil’ a dheanamh a bha iomchuidh aig an am, sgaoil a Pharlamaid i fein, aig an am cheudna ’deanamh Achd gu’n coinnicheadh Parlamaid eil’ air a’ chuigeamh la fichead de’n ath mhios. B’i so a’ Pharlamaid Fhad’ a choinnich fichead bliadhna roimhe sud. Bha Tearlach ’sa’ chuirt bheag a bha ga leantuinn gle fhurachair air ciod a bha tachairt ’am Breatunn. ’Nuair a choinnich a’ Pharlamaid ur, bha litrichean air an cur fa ’n comhair o Thearlach a’ tairgseadh maitheanais do na h-uil’ air son gach olc a rinneadh air an teaghlach rioghail, agus lan shaorsainn coguis, agus gach gealladh maith eil’ a mheas e feumail air son an aomadh gu ’thaobh fein. Bha cumhnant uaigneach eil’ air a dheanamh ri Seanalair Monc; na’m biodh e dileas do’n righ aig an am ud, gu’m bitheadh e air a dheanamh ’na Dhiuc, agus ’na chomanndair air an arm Bhreatunnach. Cha robh air domhan na gheibheadh a mach roimhe so, co dhiu a bha Monc leis an righ no ’na ’aghaidh. Ach aon uair ’a gu’n d’ fhuair e so uile, bu ghille righ e da rireadh. Bha ’Pharlamaid, cha mhor, aonsgeulach ann a bhi ’toirt breith gu’m bu choir rioghalachd ath-aiseag. agus co-shuidheachadh nan rioghachdan so a bhi ’s na h-uile seadh mar bha e roimh bhas Thearlaich I. Chaidh Tearlach II. a steach do Lunuinn air an naoidheamh la fichead de cheud mhios an t-samhraidh, comh-ainm la a bhreith. Bha ’dhithis bhraithrean comhladh ris,—Diuc Iorc, agus Diuc Ghlouster, a bhasaich og. Ghabh na Lunuinnich ris gu subhach; agus an uair a chualas ’an Duneidin gu’n tainig e gu righ-chaithir ’aithrichean, is beag nach deachaidh an sluagh air mhisg le aighear. Shuidhicheadh bord fada, comhdaichte le nithibh mils’, agus fion air an t-sraid. Bha cothrom aig a h-uile neach a thogradh a ghloinne lionadh gu deoch slaint’ an righ agus a bhrathar, Diuc Iorc, ol. A chionn nach feudtadh gloinn’ air an do chuireadh an onair a bhi ’g ol deoch slaint’ an righ aisde chur gu feum sam bith eile, bha na h-uile fear oil a’ sgailceadh a ghloinne ris a’ chabhsair. Chaidh tri ceud dusan gloinne fhiona bhriseadh air an doigh so. Bha iad a’ bualadh chlag, ’s a’ deanamh gach gne fhuaim eil’ air an smuainicheadh iad. Ach Ah! a dhaoine simplidh, cha ’n fhada gus an toir Tearlach port eile dhuibh gus a chluich. Thoisich obair an dioghaltais an Sasunn air na beothaibh ’s air na mairbh aig an robh lamh ’am bas Thearlaich. Chaidh deichnear a chrochadh de na breitheamhnaibh leis an do dhiteadh e; chaidh corp Chromueil a thogail as an uaigh, agus a chrochadh ris a’ ghrein; chaidh ceud corp eil’ a thionndadh a mach as an uaighibh, ’s an tilgeadh ’n an torr air muin a’ cheile gun adhlacadh idir, ’an cladh Naomh Mairireit. Bha corp mathar Chromueil na ’measg sin. Loisg an crochadair leabhraichean Mhiltoin agus leabhraichean Sheorais Buchanainn, airson iad a bhi teagasg coir dhaoin’ air a bhi saor o ain-tighearnas. Bha Alastair Henderson agus Seoras Gilleasbuig gniomhach’ ’n an la ann an cur air aghaidh a’Chumhnaint. Chaidh na h-ainmean aca sin a ghearradh a mach le sgeilbibh as na leacaibh suain a bh’ air an uaighibh ’an Duneidin ’s an Circaldi. Ma bha cuimhn’ idir aig Tearlach air a’ chaoimhneas a nochd Alba dha ’an toiseach a la, ’s ann ’an rathad dioghaltais a dheanamh orra air son cuing no cumha chur air, ach a mhain a thoil fein, ’na chleachdadh ’s na bheachdaibh. Chaidh Iarl’ Earra-Ghaeil suas do Lunuinn a dh’ fhailteachadh Thearlaich goirid an deigh dha tighinn do Shasunn. Chaidh a ghlacadh le ordugh Thearlaich ’s a dhruideadh a stigh ’an Tur Lunuinn mar phriosunach. Chaidh a ris a chur air ais do Alba gu dol fo dheuchainn a bheatha a reir lagh na rioghachd sin. Bha deadh luchd-lagha Chromueil air an cur air falbh a nis, agus feadhainn eile ’n an ait’, a reir cridhe Thearlaich ’s a luchd-comhairle. B’e Earra-Ghael aon de na h-ard-mhaithibh bu ro fhiachail ’an Alba ’na la. Cha robh coire sam bith dha, ach naimhdeas guineach a bhi aig Tearlach dha air son cronachadh dileas a thug an t-Iarla dha, ’nuair a bha e’n Alba deich bliadhna roimhe sud. Dhit seirbhisich Thearlaich ’an Alba Earra-Ghael gu bas, leis a cheann a chur dheth. Cha robh lethsgeul ac’ air son sin a dheanamh ach gu’n d’ aontaich e le riaghladh Chromueil air an rioghachd. Co nach robh ciontach dheth so? Bha lamh Sheanalair Monc, a nic Diuc Albemerl, ’am bas Earra-Ghaeil. Chuir an duin’ amhaidh, fuar-chridheach ud, litrichean a nuas a Lunuinn thun an luchd-lagha, a fhuair e o Earr-Ghael, ’n uair a bha e fein ’na riaghlair air Alb’, anns an robh ’n t-Iarl’ a moladh tighearnais Chromueil. ’S ann air na bha ’s na litrichibh so a bhonntaich an luchd-ditidh binn bais an Iarla. B’ esan an ceud neach a dh’ fhuiling ’an Alb’ o dhioghaltas Thearlaich. B’e Mr Seumas Guthrie, Ministeir Shruileidh, an ath neach. Sgriobh esan leabhran beag an aghaidh thruaillidheachan an la. Air son an leabhair sin chaidh a dhiteadh gu bhi air a chrochadh. Shearmonaich e fad uair a thim thar mullach na ciroche, do’n t-sluagh a thionail a dh’fhaicinn an t-seallaidh, co ordail ’s ged a bhiodh e ’na chubaid fein ’an Sruileadh. ’Nuair a bha e gu bhi air a thilgeadh a steach do ’n t-siorruidheachd, thog e suas an neipicin geal o ’aghaidh ’s ghlaodh e mach, “Na Cumhnantan, na Cumhnatan, bithidh iad fathast na ’m beothachadh do Alba.” An uair a thug Tearlach ’s a luchd-chomhairle, dearbhadh mar so air gu ’m b’urrainn iad fuil a dhoirteadh, ’s gu’n deanadh iad sin an uair a chitheadh iad iomchuidh, bha iad ’an duil gu’m feudadh iad an rian eaglaiseach a bh’ aca ’s an amharc a thaobh Alba thoirt air lom; b’ e sin an eaglais Chleireach a chur sios, agus an eaglais Easbuigeach a chur suas na h-aite. Fhuair e Parlamaid Shasuinn gu Reachd a dheanamh leis am feumadh na h-uile ministear ’s an rioghachd a bhi air an comh-chumadh ri doighibh nan easbuigean. Thug an Reachd so air da mhile ministear aig an robh coimhthional ’an eaglais steidhichte na duthcha ud, an aitean ’s am beolaind a threigsinn. Bha cumhachd nan easbuigean air a briseadh gu h-iomlan ’s an tir ud, o thoiseach a’ Chogaidh Shiobhalt, ’s bha’n sluagh, gu coitchionn air tighinn gu bhi leantuinn dhoighean na h-eaglais Cleirich, no Independents. Ach ged a chunnaic Tearlach ’s a chuirteirean gu’m bu roghnuiche le moran eodhon ’an Sasunn am beolaind a leigheadh seachd na bhi de’n eaglais easbuigich, runaich iad dol air aghart leis an ainneart cheudn’ ’an Alba. Bha eaglais na h-Alb’ air aon de a cuid ministeirean fein a chur suas do Lunuinn goirid an deigh do Sheanalair Monc a dhol an sin, gu bhi furachar mu atharrachadh sam bith a bhiodh luchd riaghlaidh a’ faicinn iomchuidh a’ dheanamh a thaobh eaglais na h-Alba. B’e Seumas Sharp, ainm an fhir-ionaid a chuir an eaglais gu tur na faire ’s an am ud. ’Nuair a thuig Sharp gu’n robh an righ air ti tighinn air ais do Lunuinn, chaidh e gu choinneachadh. ’S e bun a bh’ ann, ’an aite Seumas a bhi sharp mu ’n ghnothuch a dh’ earb an eaglais ris, ’s ann a thionndaidh e mach a bhi sharp mu ardachadh saoghalt’ fhaotainn dha fein. Thainig e fein ’s an righ gu cordadh mu’n easbuigeachd ath-aiseag do Alba; agus thug an righ dha, ’s ghabh esan a bhi ’na Ard-easbuigChill-Rimhinn, no ’na Phriomhair air Alba gu h-iomlan. Bu mhor an togail so, ma’s togail a b’ann; agus ma’s tuiteam, bu mhor an tuiteam. Their sgriobhadairean, Iudas na h-eaglais ri Sharp. Gun teagamh reic e’n eaglais ’s an deachaidh a thogail suas, agus cha bu bheag an greadhnachas talmhaidh a fhuair e mar a phris. Goirid an deigh do’n duine mhor so sealbh a ghabhail air Cill-Rimhinn, chaidh seisear easbuigean eil’ a choisrigeadh agus le mor ghreadhnachas an cur a steach ’n an aite. B’e ’n ath cheum na ministearean a thoirt gu umhlachd do Mhorairibh na h-eaglais. Thainig ordugh a mach o’n Ard Chomhairle, sparnadh air na h-uile ministeir iad a fhrithealadh nan coinneamhan a bhiodh aig na h-easbuigibh ’n an cuairtibh. Cha do chuir na ministeirean suim ’s an ordugh. Dh’ fhuadaich an Ard-Chomhairl’ an sin na h-uile ministear [TD 83] [Vol. 8. No. 11. p. 3] nach do ghabh an comhairl’ air falbh as an tighibh comhnuidh, agus o’n coimhthionalaibh. Leis an sguabaig so bha ceithir cheud cubaid air am fagail falamh feadh Alba. B’e ’n ath cheum a nis na cubaidean ’s na coimhthionalan a lionadh suas. Agus o nach faighteadh daoine’ aig an robh coguis a lionadh suas iad, b’ eigin an lionadh le daoinibh gun choguis. Tha fear de na h-easbuigean fein a’ sgriobhadh gu ’m b’ iad na curates a chuireadh a steach ’an aite nam ministeirean a leig dhiubh am beolaind, na creutairean bu truaighe de’n t-sluagh uile. Cha’n eisdeadh na coimhthionalan riu so. Bhiodh iad a’dol do na monaidhibh ’s do aitibh uaigneach eil’ a dh’ eisdeachd nam ministeirean a chuireadh air falbh. ’S a’ bhliadhna 1663, fhuair na h-easbuigean Achd air a dhaingeachadh, leis an robh gach duin’ air eigneachadh gu eaglais na sgireachd d’ an buineadh e ’fhrithealadh. Bha rola le ainm muinntir na sgireachd aig a’ churate, a bha e gairm an deigh na searmoin, mar a dheanadh maighstir-sgoile, ’s bha umhladh mor ga chur air na h-uile nach freagradh ’ainm. Bha saighdeara ga’n cur air chairtealaibh thuige gus am paigheadh e ’n t-suim a leagadh air; agus bha moran theaghlaichean air an toirt gu bochdainn le so. Bha moran de thaobh siar Alb’ air a chreachadh leis na saighdearaibh mar gu’m bu duthaich a thugadh a mach leis a’ chlaidheamh a bh’ ann. Theirteadh Lion Tarruing nan Easbuigean ris an Achd dhubh ud. Ged a shaoileadh duine gu’n robh sud cruaidh gu leoir, bha e ro las le Sharp. Rinn e gearan ri cuirt an righ air son co mall ’s a bha Ard-Chomhairl’ Alb’ ann a bhi peanasachadh na muinntir a bha treigsinn eaglaisean an sgireachd. Fhuair e le sin an ni a bha e ’g iarraidh, cead o’n righ cuirt a chur air chois air an robh e fein ’n cheann-suidhe. Bha cothrom aig buill na cuirt air an toil fein a dheanamh. Dh’ fheumadh gach trupair ’s gach earraid a bhi umhal doibh; feumaidh iad uil’ a dhol far an iarr Sharp orra, agus ni sam bith a dheanamh a dh’ orduicheas e dhoibh. Tha cumhachd aig an duine so, neach sam bith is aill leis a ghairm gu a chuirt, ’s peanas sam bith is aill leis a’ leagadh air, ’s cha ruig e leas leth-sgeul no dionadh a ghabhail o neach sam bith ach mar thogras e. ’S i ’n fhoirneart a bha Sharp air ceann na cuirte so a’ cleachdadh air gach bochd ’us beartach, sean ’us og a bha ’tuiteam ’na lamhaibh, a dh’ aobharaich an ni ris an abrar ’an eachdraidh Alb’, a’ Gheur-leanmhuinn.—Eachdraidh na h-Alba. Dh’fheuch dithis nighean an Sidni Tuath ri teicheadh an la roimhe am falach air long smuide. Chaidh an cur air tir aig beul na h-acarsaid. GILLEASBUIG MAC-NA-CEARDADH. LE FIONN. Tha iad loinmhor am measg ar luchd-leughaidh a bhios duilich a chluinntinn gu’n do chaochail an Gaidheal fiughanta so, an clo bhuailtear Gailig. Chaidh a ghairm gu fois air a cheud la de dhara mios na bliadhna. Ged a bha e gearan re na bliadhna so chaidh agus gu sonraichte re a’ gheamhraidh le cuing analach cha robh beachd aig a chairdean gu’n robh an t-eug cho teann air. Rugadh ’athair agus a mhathair ann an “Ileath ghlas an fheoir” agus ged a rugadh am fear nach mairionn ann an Glaschu, bu Gaidheal e gu ’chul, agus b’ Ileach e na chainnt ’s na cho-fhaireachdainn. Bha ’athair na chlo-bhuailtear ann an Glaschu, far an do chuir e suas air a laimh fhein anns a’ bhliadhna 1848. ’Nuair a chaochail e anns a’ bhliadhna 1870 cha robh Gilleasbuig og ach na ghiullan maoth, ach chuir e dhruim fo ’n eallaich gu duineil agus ann am beagn bhliadhnachan, uidh air n-uidh, fhuair e suas am bruthach. Chaidh e air imrich do bhuth bu mhotha, far an do chuir e suas innleachdan clo-bhualaidh ur agus annasach, a thug an comas dha an tromlach de na leabhraichean Gaidhlig a chaidh a bhuileachadh oirnn re ioma bliadhna air ais a chlo-bhualadh gu snasmhor, comhlionta. Bha e fhein na dheagh sgoilear Gaidhlig agus bha bhlath ’sa bhuil sin air gach leabhar Gaidhlig a thainig troimh lamhan. Faodar ainmeachadh gur i “Eachdraidh na h-Alba,” leis an Urramach Aonghas Mac Coinnich nach mairionn, a cheud obair a fhuair Gilleasbuig og ri chur ann an clo ’n uair a bha e ag ionnsachadh na ceaird fo stiuradh ’athair, agus tuigidh iadsan a bha eolach air sgriobhadh an duine so, nach bu ghnothach farasda a leughadh. A bharrachd air a so bha an “Eachdraidh” air a sgriobhadh air leobagan beaga phaipear, de gach cumadh agus dath, air chor ’s nach bu leth obair a bh’ aig a chlo-bhuailtear. Na deigh so uile tha Eachraidh na h-Alba air a clo-bhualadh gu coilionta, cothromach—teisteanas laidir dhasan a chuir ann an clo i. Tha grinneas a laimh ri fhaicinn cuideachd anns an leabhar oran eireachdail sin ris an abrar an “t-Oranaiche,” an t-aon luach peighinn Gaidhlig a’s fearr a chaidh riamh a bhuileachadh air Clann nan Gaidheal. Am measg nan leabhraichean Gaidhlig a chlo-bhuail e tha “Laoidhean Spioradail” leis an Urramach G. K. Mac-Calluim, Laoidhean an Urramaich D. Mac Illeathain a bha ’n Gleann-Urchaidh, Laoidhean an Urramaich Gilleasbuig Mhic Fhearachair a bha ’n Tireadh, “Laoidhean Shioin” leis an Urramach N. Mac Neill, “Laoidhean o’n Bheurla” le Donnacha Caimbeul, a Ileath, “An t-Eileanach” le Iain Mac Phaidein, “Clarsach an Doire” le Niall Mac Leoid, “An Celtic Garland,” agus “Leabhar na Ceilidh” le “Fionn,” “Baird Uist” leis an Urramach G. Mac Dhomhnuill, “Eachdraidh Beatha Chriosd” leis an Urramach Iain Mac Ruaraidh, “Leabhar Urnuigh na h-Eaglais Shasunnaich ann an Gaidhlig,” “Dain agus Orain a’ Bhaird Ilich,” “Laoidhean Gobhainn na h-Earradh,” cho math ri eachdraidh “Thir nam Beann,” mar a bha an leabhar luachmhor sin “Gaelic Bards” le Tomas Pattison—sgoilear barraichte a Ileath, a bha am measg nan cead fheadhain a thug blasad do na Goill, na ’n cainnt fein, air sar-obair nam Bard Gaidhealach. ’Nuair a chaidh an Comunn Ileach a chuir air chois ann an Glaschu anns a bhliadhna 1892, bha ainm seann Ghilleasbuig agus Ghilleasbuig oig air an caradh air clar a’ chomuinn agus bho sin cha robh anns a’ chomunn fear a bu dilse dha, no a rinn uiread air a shon. Bha e ’na cheann-suidhe air a’Chomunn Ileach agus na Iar-cheann suidhe aig Comunn Gaidhlig Ghlaschu. B’e h-aon de luchd-dreuchd a’ Mhoid Ghaidhealaich, agus Comunn Earra-ghaidheil. Bhuineadh e do dh’ Eaglais Chaluim Chille, agus bha e na riaghlar anns an eaglais sin re iomadh bliadhna, agus cha robh ceangailte rithe fear a b’ fhearr ainm na b’ airde cliu. Bha e da rireadh air thus ’s air thoiseach anns gach deagh-oibre, agus cha do dhiult e cuideachadh riamh le cuis no aobhar a bha e meas a bhiodh a chum math a luchd-duthcha. Cha robh e na ioghnadh mata ’nuair a thainig an la anns an robh e ri bhi air a charamh fo ’n fhoid gu ’n do thionail na Gaidheil as gach cearna de ’n bhaile gu meas a chur air a chliu, is am bron airson a chall a nochdadh. Cha robh Comunn Gaidhealach an Glaschu nach do chuir h-aon no dha a dh’ ionnsuidh a thorraidh, oir bha iad uile eolach air mar Ghaidheal teo-chridheach fialaidh. Chuir an Comnnn Ileach agus an Comunn Gaidhlig cho math ri cairdean eile blath-fhleasgan eireachdail air uachdar na ciste-mhairbh. Air blath-fhleasg nan Ileach bha na facaill so—“Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, ceann suidhe a’ Chomuinn Ilich. Sar mhac an deagh athar. Gaidheal blath-chridheach, suairceil aig an robh cridhe fial ’an com na ceile, bithidh a chuimhne buan-mhairionn am measg Chlanna nan Gaidheal.” Am measg an luchd-daimh ’s nan dluth chairdean aig an torradh bha ceathrar mhac an fhir nach mairionn—balachain mhaoth—agus a bhraithrean-ceile, an t-Urramach Iain D. MacNeill, Chaladair, an Lighiche MacIain a Ileath, agus Seumas Izat. Bha an t-Olladh Urramach Iain Mac ’Illeathain, ministear Eaglais Chaluim Chille aig ceann na seirbhis ann an tigh a’ bhroin, agus rinn an t-Urramach Iain D. Mac Neill urnuigh Ghaidhlig aig an uaigh fhosgailte. Cha robh suil thioram anns a chladh, no cridhe mu’n uaigh nach do thaisich ’nuair a ghuidh e gu’m bitheadh Dia trocaireach dhaibh-san a bha fo bhron, agus gu’m bithidh e, a reir a gheallaidh, na cheile do’n bhantraich agus ’na athair do na dilleachdan, a toirt dhaibh “maise an aite luaithre, oladh aoibhneis an aite broin, agus eideadh mholaidh an ait’ spiorad airsneil.” Air an t-Sabaid an deigh an torraidh labhair an t-Ollamh Urramach Iain Mac ’Illeathain mu’n fhear nach mairionn, ann an cainnt theisteil chairdeil. Cha b’ aithne dha ann am baile Ghlaschu Gaidheal a b’ fhearr no bu shuilbhire. Le chridhe blath ’s le laimh shuilbhir rinn e moran a chuideachadh a luchd-duthcha, agus choisinn e taingealachd iomadh neach a tha ’n duigh ’ga ionndrainn; air-san da-rireadh thainig “beannachadh an ti bha ullamh gu basachadh.” Dh’ fhag am fear nach mairionn bantrach, aon nighean, agus ceathrar mhac ga chaoidh, agus tha sinn cinnteach nach ’eil neach a leughas so nach guidh gu’m bi Dia fhein maille riu aig an am so, agus cha’n ’eil Gaidheal a b’ aithne ar caraid nach cuir clach na charn. Faodaidh sinn a radh gu cinnteach— “Dh’ fhalbh cul-taice na Gaidhlig An la ’chaidh a charadh fo’n fhoid.” MU THIMCHIOLL AN t-SIUCAIR. Tha chuilc no an t-slat o bheil iad a’ toirt an t-siucair ri faotuinn ann an iomad cearna de ’n t-saoghal. Tha’n siucar a nis co coitchionn, leis na h-uiread dheth bhi air a ghnathachadh, ’s gu’n do mheas sinn nach bu mhiste le cuid a tha leughadh a phaipeir gun labhramaid caileiginn m’an doigh air a bheil iad ga dheanamh. Tha chuilc o bheil an siucar a’ teachd, cosmhuil ris a chuilc a chi sinn a’ fas ri taobh uisge no feur-lochain. Tha bad duilich, air a barr. Tha’n calpa laidir ach tha e ro bhrisg; agus tha brigh mhor ann o bheil moran suigh a’ tighinn. Tha e air uairibh a’ fas seachd troighean air airde. Tha dail dhiubh fo lan bhlath na shealladh a tha anabarrach taitneach ri fhaicinn. ’Nuair bhios iad abuich, tha iad air dath an oir, le caileigin de shreathan dearg na’m ’measg. Tha ’m bad-mullaich aca an toiseach uaine, ach ’nuair a bhios iad abuich, buidhe-dhonn. Ainmichidh sinn a nis an doigh air an ullaichear e, agus an sin cuiridh sinn an ceill mar ni iad an siucar ann an Innsibh na h-aird an Iar. Feumaidh an talamh anns am miann leo a shuidheachadh, bhi air a ghlanadh o gach luibh agus salachar, agus a bhi air a roinn na earrainnaibh ceithir-chearnach mu thri troighean-gu-leth air meud, agus anns gach (Air a leantuinn air taobh 86) [TD 84] [Vol. 8. No. 11. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 22, 1899. LITIR A NEW ZEALAND. Chunna mi anns a MHAC-TALLA, an aon de dh’ aireamhan Nobhember a chaidh seachad, litir o’n Urramach Richard Hennebry. Bha gne de thaitneas orm ’ainm fhaicinn; tha cuimhne agam air an Urramach a bhi ann an New Zealand o chionn fichead bliadhna, a searmonachadh agus a tional airgeid. Rinn e feum mor am measg a cho-luchd-creidimh; bha e ’na mheadhon air tigh-sgoile mor a thogail ann an Auckland, agus sgoil a shuidheachadh ann. Co thainig do New Zealand aig a cheart am ach an t-Urramach Chiniquy, agus thachair dhaibh a bhi aon latha searmonachadh air an aon t-sraid. Cha robh sluagh na duthcha idir toilichte iad a bhi an so le cheile aig an aon am; ach chaidh na coinneamhan seachad gun dragh sam bith. GIOMACH MOR. Chunna mi anns a MHAC-TALLA cheudna bhi ’g innse mu ghiomach a chaidh a ghlacadh ann an Gabarus a bha anabarrach mor. Tha e toirt gu m’ chuimhne beothach dhe’n t-seorsa cheudna chaidh a ghlacadh ann an St. Ann’s, aite mo bhreith, ’nuair a bha mi ’nam ghille og. Air maduinn chiuin chunna mi am beothach mor sin a dol a mach agus a steach fo na maidean anns an laimhrig; bha e ro mhor dhomhsa feuchainn ri ghlacadh, agus ghlaodh mi air Seoras Mor, an cleireach, airson no chuideachadh gus an giomach mor so a chosnadh. Bha muirgheadh deiseil os laimh, ach bha i ro lag air son am beothach a thogail o’n ghrunnd. Chum mise am muirgheadh an sas anns a ghiomach, gus an d’ fhuair Seoras maide eile sgathadh; an sin le cheile fhuair sinn a thoirt gu uachdar na laimhrig. Ghiulan mo bhrathair agus mi-fhin chum an taighe e, greim agamsa air an earball ’s aige-san air na spogan. Cha do chothromach sinn idir e. Bidh fear a bhios ag innse “sgeulachd eisg” daonnan a cumail a mach gur ann aige fhein a bha ’n t-iasg bu mhotha. Cha’n eil mis’ idir a cumail sin a mach, ach ged nach eil, cha chumadh an amhunn bu mho a bha san tigh an giomach so gun na spogan mora bhristeadh dheth. Ach, sgeul mo chreiche, chaidh mise dh’ an sgoil, agus ’nuair a thainig mi dhachaidh, bha h-uile mir dhe ’n ghiomach air ithe, ni a bha gle thamailteach dhomhsa an deigh m’ obair ’ga chosnadh; cha d’ fhuair mi blasad dheth. Cha ’n eil aobhar sam bith nach biodh beothach mor anns a chuan cho math sa bhiodh e air tir. Cha’n eil dearbhadh sam bith gu robh an giomach so cho mor ris an fhear eile, ach aon ni na’m biodh e air fhagail beo gus an latha ’n diugh, cha’n eil teagamh nach biodh e moran na’s mhotha. “CO-O-O-O-E.” “Hù-ù-ù,”—’Se so eigh a thatar a cleachdadh anns an duthaich agaibh fein an am a bhi glaodhaich air neach tilleadh air ais, tigh’nn dhachaidh as a choille, no a gairm air fear-aiseig. Bha an doigh eigheach so aca ri linn m’ oige-sa, agus tha mi cinnteach gu bheil fhathast. Bha i aig na h-Innseanaich an toiseach, agus ’s ann uapasan a fhuair na daoine geal’ i. Ach anns an duthaich so ’se tha aca glaodh eile, “Co-o-o-o-e,” “feuch e.” Tha’n litir “C” air a fuaimneachadh cruaidh, agus tha’n glaodh air a tharruinn a mach a reir an astair a tha ’m fear a thatar a glaodhaich as. Tha’n glaodh so moran na’s fhurasda dheanamh ’s na’s fhurasda chluinntinn na tha “Hù-ù-ù” agaibh-se. Thainig an doigh glaodhaich so a Australia, bho na daoine dubha. Ma tha iad gu’n dudaich no gun adharc, ’se “Co-o-o-o-e” a dh’ eibheas iad; lean an doigh sin riutha, agus dh’ionnsaich na daoine geala uap’ e. Bha caraid uasal a bhuineadh do Tasmania uair ann an Lunnainn, agus bha iad a’ dol troimh shraid air an robh an sluagh gle lionmhor. Chaidh a bhean a stigh do bhuth ’s dh’ fhag i esan a muigh gus am biodh i deiseil gu falbh leis. An ceann beagan uine dh’ fhaoighneachd fear a bhutha dhith, “Nach eil eagal ort gu’n caill thu do chompanach?” Cha do chuir sin trioblaid sam bith air a mhnaoi, agus lean i air ceannach a bhathair a bha dhith oirre. Nuair a bha i ullamh, dh’ fhalbh i mach air a socair fhein air an t-sraid agus leig i glaodh “Co-o-o-o-e;” air ball thainig “Co-o-o-o-e” eile mar fhreagairt o a companach astar air falbh. Mar so cha robh curam sam bith gu ’n cailleadh iad a cheile. AN GUILBNEACH. Tha an t-ian so pailt anns an duthaich so; cha’n aithnichear gu bheil an aireamh a dol dad na’s lugha. Tha na Maories a cantuinn nach deachaidh nead an eoin so fhaotuinn riamh ann an New Zealand. Fhuaradh a mach o chionn beagan bhliadhnaichean gu bheil e fagail na duthcha air son toirt a mach nan iseanan. Tha bagh air ceann a tuath an eilean so, eadar da rudha, an Rudha Tuath agus Rudha Maria Van Dieman. Chithear an bagh so le coimhead air map aig fior cheann an eilean. Tha na h-eoin so a tional mu’n bhaigh sin ’nam miltean, agus bidh an t-adhar dorcha leotha, cuid ’nan suidhe air an lar, ’s cuid air iteig. Tha iad a coinneachadh an sin a dh’ fheitheamh air falbh. Tha aon de na h-eoin gu h-ard anns an speur a cumail faire; ’nuair a thig a ghaoth gu freagarrach o ’n airde deas, tha an t-eun-faire so a toirt sgread, bidh cach an sin ’nam faiceall ’sa togail air falbh. Tha iad a dol direach suas ’san iarmailt cho fada ’sa chi suil iad. Cha’n eil iad a falbh uile cearta comhladh, ach ’nam buidhnean, ach ’s docha ’n ceann latha nach bi aon dhiubh ri ’m faicinn. ’Se ’s aobhar dhaibh a bhi dol cho ard anns an iarmailt gu bheil a ghaoth na’s cothromaiche dhaihh an sin; tha iad a dol astar mor, ach dh’ fhaodadh gu bheil iad a deanamh tamh an aite no dha air an t-slighe a leigeil an anail. Tha iad a ruigheachd a chuid a’s fhaide tuath de Siberia, far am bheil iad a laidhe ’sa toirt a mach an cuid iseanan. Tha iad a tilleadh air an socair ’nuair a tha’n geamhradh a tighinn ann an Siberia. Tha an samhradh aig an am sin a toiseachadh ann an New Zealand. Tha ’m bagh air an robh mi toirt iomraidh air ainmeachadh, “Bagh nan spiorad.” Tha na Maories ag radh ’nuair a tha ’m bas a tighinn air neach gur ann ’sa bhagh so a tha a spiorad a gabhail cead de’n talamh air son a dhol do’n bhith-bhuantachd. Tha ’n t-ainm air a thoirt dha ’n bhagh air son an aobhar sin. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z., 7mh la de’n Ghiblean, 1899. Mar is aithne do na h-uile, ’s ann air smugladh a tha muinntir St. Pierre a deanamh a chuid a’s motha de’m beolaind. Bha duine ’na fhear-cusbuinn anns a’ bhaile sin d’ am b’ ainm Jules Ferry. Fhuair e o chionn ghoirid coig ceud deug dolair de dh’or, agus chuir e anns a bhanc’ e. Air do mhuinntir a bhaile so a chluinntinn cho-dhuin iad gn ’n d’ fhuair e an t-airgead sin o riaghladh Chanada mar dhuais air son a bhi brath luchd-brisdidh lagh na cusuinn, agus bha iad a dol ga mharbhadh an larach nam bonn. Fhuair e teicheadh uatha; agus thainig e air soitheach gu Sidni; as a sin chaidh e suas a Chuebec, far ’n do chuir e a chas fa chomhair fear-ionaid na Frainge. Cha chuala sinnuaithesin ciod a bha e deanamh, no ciamar a bha dol dha. Chuir Calum Mac Dhunleibhe, a Duntroon, Ontario, ainm agus airgead da fhear-gabhail ur ugainn air an t-seachdain s’a chaidh, agus chuir Iomhar Mac Cuithein, a Steyner, Ontario, ainm agus dolair aon fhear-gabhail ur ugainn. Tha sinn a toirt moran taing dh’an da Ghaidheal choir so air son an uiread sin a dheanamh os leth MHIC-TALLA agus na Gailig, agus tha sinn an dochas gu’n dean an eisimpleir-san aireamh mhor de na Gaidheil a ghluasad gus an ni ceudna dheanamh. Tha ministear anns an t-seann duthaich, an t-Urr Uilleam Ros, nach do phos caraid riamh gun toirt orra gealltuinn nach biodh boinne de stuth laidir air a riarachadh aig a bhanais. Tha e a posadh charadean o chionn choig bliadhna fichead; anns an uine sin sheas mile caraid air a bheulaobh agus cha do dhiult an gealladh sin a thoirt dha ach a sia. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. [TD 85] [Vol. 8. No. 11. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh a cheud luchd soithich de dh’ ubhlan a chur air falbh gu Lunnainn a Halifax a cheud sheachdain dhe’n mhios so. Bha corr us da mhile barailte ann. Chaidh seann duine dubh da’m b’ ainm Iain Francis, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Digby, Di-satharna an naodhamh latha dhe’n mhios. Bha e coiseachd air an rathad agus thugadh rabhadh dha, ach cha do chairich e, agus cha robh uine air stad a chur air na carbadan. Thatar a’ deanamh a mach gu robh e ceithir fichead bliadhna ’sa seachd deug a dh’aois. Am feadh ’sa bhatar a cladhach gainmhich aig Lundy’s Lane, o chionn ghoirid, air taobh Chanada dhe ’n amhuinn, fhuaireadh cnamhan choignear shaighdearan, a bha air am marbhadh anns an bhlar ainmeil a chuireadh air an laraich sin eadar arm nan Staidean agus arm Chanada. Fhuaireadh am measg nan cnamh aireamh phutan, uaireadair, bloigh de chota oifigich le figheachan oir air, agus bad de dh’ fhalt donn. Tha ceithir fichead bliadhna ’sa h-ochd o’n chuireadh blar Lundy’s Lane, anns an deacha na daoine so a mharbhadh. Chaidh na cnamhan a thional ’s bha iad air an tiodhlacadh ann an uamh a bha air a h-ullachadh o chionn ochd bliadhna air son cnamhan deichnear shaighdearan a fhuaireadh aig an am sin. Chaochail Cornelius Vanderbilt ann an New York maduinn Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. B’e bu cheann do theaghlach nam Vanderbilts, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail air son am beairteis. Bha aige fhein de shaoibhreas an t-saoghail so eadar ceud us da cheud muillein dolair. Bha e ’na dhuine bha anabarrach gleusda gu deanamh gnothuich, agus bha ainm aige bhi gle fhialuidh m’a chuid ’nuair a bhiodh sin feumail. Bha e ghnath cuimhneach air na bochdan, agus bha e ro-mheasail aig luchd-obrach a bha aige, oir bha e deiligeadh riutha gu ceart daonnan. ’Se buille de ’n phairileis a dh’ aobharaich a bhas. Dh’ fhag e bantrach agus coignear chloinne—triuir mhac agus dithis nighean; an t-aon a’s sine dhiubh da bhliadhn’ air fhichead agus an t-aon a’s oige naodh bliadhna dh’ aois. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’aois. Lugh sinn uile mu’n drochaid mhor a bha an Seanalair Kitchener a cur thairis air an amhuinn Nile. Tha an drochaid sin a nise criochnaichte, agus bha i air a fosgladh leis an t-Sirdar fhein air an t-siathamh latha fichead de Ogust. Cha deachaidh toiseachadh oirre gu toiseach a gheamhraidh, agus tha e da-rireadh iongantach cho luath ’sa fhuaireadh crioch a chur oirre. Tha nise dluth air seachad ceud mile de rathad iaruinn anns an t-Soudan, ged nach eil ach gann tri bliadhna o’n chaidh a cheud buille chur air. Tha an rathad a nise mu fhaisg tri fichead mile ’sa coig deug do bhaile Khartoum; agus cha’n fhada ’n uine gus am bi am baile ainmeil sin—aite bais a Ghordonaich chliuitich—air a cheangal ’san doigh sin ri Cairo, baile-mor na h-Eipheit. Tha na Breatunnaich da-rireadh a deanamh obair mhor ann an Africa, obair a bhios gu mor a chum leas da duthcha agus an t-sluaigh d’an dachaidh i. Tha duin’ og a mhuinntir Mhabou, Raonull Beutan, a tha anns an oilthigh ’s an Roimh, a’ teagasg Gailig do aireamh de fhoghlumaichean a Phropoganda. Anns an iomradh a thug sinn air coinneamh a bhaile ann an aireamh na seachdain ’sa chaidh rinn sinn mearachd bheag bu mhath leinn a cheartachadh. Thuirt sinn gu’n do chosg larach na h-obair iaruinn corr us ceithir cheud mile dolair; s’e bu choir dhuinn a radh ceithir fichead mile dolair. Tha an t-suim mor gu leor, agus cha bu mhath leinne bhi ciontach de deanamh a choig uiread ’sa tha i. Tha ’n fheill bhliadhnail a toiseachadh ann a Halifacs am maireach, agus mairidh i fad seachdain. Tha cheist ag eiridh ann an inntinnean dhaoine air feadh na roinne, am fiach an fheill so na tha i cosg do’n duthaich. Tha suim mhor airgeid $40,000, air a thoirt seachad leis an riaghladh gach bliadhna mar chuideachadh leis an fheill, agus cha’n eilear a faicinn ciod am feum mor a tha i deanamh. Cha ’n eil ach fior bheagan prothaid innte do na tuathanaich, do na h-iasgairean, no do dhuine sam bith a mach a baile Halifacs. Ann an St. John, N. B., tha feill mhor air a cumail a h-uile bliadhna, nach eil a faotainn dolair cuideachaidh o riaghladh na roinne. Car son nach fhaodte an ni ceudna dheanamh ann a Halifacs? Tha cuideachd a ghuail a deanamh an dleasdanais gu math a thaobh bantraichean agus dilleachdain nan daoine chaidh a mharbhadh am meinn Chaledonia. Tha iad a dol a thoirt do gach bantraich, $4.00 ’sa mhios a cheud bhliadhna, agus $12.00 ’sa mhios an deigh sin fhad ’s is beo i, no fhad ’sa bhios i ’na bantraich. Do ’n chloinn tha iad a toirt $2.00 ’sa mhios gus am bi iad 13 bliadhna dh’ aois; agus an deigh sin gheibh na gillean $4.00 ’sa mhios gus am bi iad 14 bliadhna, agus na h-igheanan $4.00 ’sa mhios gus am bi iad 16 bliadhna. Tha parantan aosda agus lapach a chaill mic ris an robh iad an taic air son am beolaind, gu bhi faotainn $8.00 ’sa mhios fhad ’s is beo iad, agus parantan a bha ann an tomhas an eiseimeil ri mic a chaidh a mharbhadh, gheibh iad $4.00 ’sa mhios. Tha na suimeannan so ri bhi air am paigheadh a ionmhas na cuideachd, ’sa toiseachadh toiseach Iulaidh s’a chaidh; tha iad eadar-dhealaichte gu buileach o gach cuideachadh a chaidh a chur a stigh le muinntir eile. Thachair sgioradh cianail do fhear Rob Mac Fhearghais Di-mairt an darna latha deug, eadar Stellarton us New Glasgow. Bha e ’na innealair air carbad-iaruinn a bha air an t-slighe gu Mulgrave, agus chuir e cheann a mach air an uinneig a dh’ amharc air ni-eigin mu na cuidhlichean. Am feadh ’sa bha e anns an t-suidheachadh sin thainig an carbad gu drochaid, agus bhuail a cheann-san ann an fear de na puist, ’s bha e air a thilgeadh a mach as a charbad. Cha tugadh an aire do na thachair aig an am, agus ruith an carbad astar beag gun duine ’ga stiuireadh. Nuair a thugadh an aire mar thachair ’sa thill an carbad, fhuaireadh e ’na shineadh air an drochaid. Bha e beo, agus chaidh a thoirt don tigh-eiridinn, ach cha robh duil sam bith ri e dhol na b’fhearr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort air an t-samhradh so, bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a fhuair sinn air a mhios a chaidh air an creic cha mhor uile; tha duil againn ri tuilleadh mu mheadhon a mhios so—carbadan cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 86] [Vol. 8. No. 11. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 83.) earrann diu sin tha da chuilc air an suidheachadh mu shea oirlich air doimhneachd. Ann an ceann cheithir la deug chi sibh failleinean a’ teachd an uachdar; agus is coir an cumail ro ghlan, agus uir a chuir umpa. ’Se ’n t-am is fearr gu’n cur, eadar Lunnasdal agus Samhuinn, a chionn nach bi na slatan co buailteach do bhi air am milleadh leis an dile throm uisge, agus leis a ghaoith bhuaireasaich a tha ’n Innsibh na h-aird-an-Iar. Cha dean, an deigh sin uile, gach curam agus faicill is urrainnear a ghnathachadh, am barr air uairibh cinnteach. Tha cuilc an t-Siucair buailteach do chrannadh, air nach d’ fhuaradh fhathast leigheas. Is ni a th’ ann muilleinean de bhiasdan beaga, d’ an culaidh-bheathachaidh sugh na Cuilce, agus a chum ruigheachd air, tha iad ga cuir an dolaidh. Cha’n iad na meanbh-bhiasdan sin na h-aon naimhdean a th’ aig an tuath ri cathachadh ’nan aghaidh. Tha na h-apachan agus na radain a’ deanamh diubhail mhor air na fiurain; ach tha iad sin ni ’s usa cur as doibh. Thig na h-apachan nan iomainibh san oi’che, gu tosdach, samhach; agus ni iad moran dolaidh le’n itheannaich, asus le’n cleasachd. Is diomhain rioba no lion a shuidheachadh chum an glacadh, oir tuigidh iad far am bi iad air fhaicillichead ’s gan suidhichear iad; agus ’se ’n t-aon doigh air a bharr a choimhead, daoine agus coin a chur nan luchd-faire air. Anns na machraichibh iosal tha na radain ro chronail. Tha iad ag radh gur ann o’n Roinn-Eorp’ a chaidh iad, anns na Luingisibh, ach tha iad a nis air fas ro lionmhor. Tha a Chuilc air a gearradh mu Fheill-bride, no air feadh an Earraich, a chionn gu bheil i san am sin abuich. ’San am sin, tuigear air coltas nan daoine dubha, agus air gach ainmhidh, am beathachadh a tha iad a’ faotainn o’n t-Siucar; ionnas gur am subhachais agus gairdeachais dhoibh e. Tha Sgriobhair araidh ag radh, “Gu bheil sugh na Cuilce so co bhrioghar, bhlasda, ’s gu bheil gach duine agus beathach a’ faotuinn slainte agus beothalachd o’n t-sugh fhallain, mar bhios gu soilleir r’a fhaicinn goirid an deigh am muilean a chur air obair. Tha na h-eich oibre, na daimh, agus na muileidean, ged a robh iad gu goirt air an oibreachadh, san am so a’ fas gu reamhar laidir.” ’Nuair a chruinnichear a chuilc r’a cheile faisgear i gu teann fo chudthrom mor, agus bruichear an sugh’ ann an uisg’ aoil, a bheir air barrag thiugh eiridh suas air; agus tha’n sugh glan air a leigal as o iochdar a choire, ni le bhruicheadh gu tric, a dh’ fhasas tiugh, an dreach an t-siucair dhuinn, mar thig e dhachaidh d’ ar n-ionnsuidh-ne. Leigidh iad leis seasamh ann an soitheach, anns am bi na h-uiread de thuill na mhas ’s a leigeas le aon stugh tana a bhios ann ruith as. Is ann o’n iarmad so a ni iad TRAICLE mar their sinn ris &c. o’n dean iad an deoch laidir, ris an canar Rum. Chum siucar geal a dheanamh, feumar am fear donn a ghlanadh o gach fotus: is eiginn a leaghadh ann an uisge glan, air a choi’-measgadh le gealagan uibhean agus fuil cruidh, tha e ris ga chur ga bhruicheadh, a tha cur barrag thiugh an uachdar, agus tha’n sugh glan, air a dheanamh tiugh le shior bhruicheadh, air a thaosgadh ann am moltairibh air cumadh builionn shiucair. Tha ni eile a dh’ easbhuidh air chum a dheanamh geal; chum so a dheanamh, tha ceann caol na moltrach air a chur foidhpe, agus an ceann leathann air a chomhdachadh le criadh, tre ’m bheil uisge gu ruith, a tha toirt air falbh gach anabas, gus am bi an Siucar fior gheal SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. Am Feillire. SEPTEMBER, 1899. 1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644. 2 Di-satharna La Worcester, 1661. 3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis. 4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine 9 Di-satharna La Flodden, 1513. 10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis. 11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297 12 Di-mairt La Abareadhain 1644. 13 Di-ciaduin Ciad Mhod a’ Chomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892 14 Dior-daoin 15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752. 16 Di-satharna 17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis. 18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759. 19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-ciaduin 21 Dior-daoin 22 Di-haoine Da Sliabh a’ Chiamhain, 1745. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis. 25 Di-luain 26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854. 27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaolain, 1852. 28 Dior-daoin 29 Di-haoin An fheill Mhicheil. 30 Di-satharna MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F. A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F. An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! AODACH MATH. Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh. AN DEANAMH. Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh. THA AGAINNE aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e. Niall Mac Fhearghais. RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B [TD 87] [Vol. 8. No. 11. p. 7] AN FHEADAG. NAIGHEACHD FIOR ’Nuair a bha mi ’m bhalachan beag, mu sheachd bliadhn’ a dh’ aois, fhuair mi iomad sgillinn o’m chairdibh, air latha feille. Chaidh mi gu grad do bhuth far an robh iad a reic culaidh-chleasachd do chloinn; agus thaitinn fuaim feadaig a chunnaic mi aig giullan eile rium co math ’s gu’n do thairg mi dha mo chuid airgid uile air a son. Thainig mi ’n sin dachaidh leatha, a’ feadaireachd fad an rathaid ro thoilichte le ’m fheadaig, ni a chuir mor dhoimheadas air an teaghlach leis an fhuaim neo-chuand’ a bh’ aice. ’Nuair a thuig mo chairdean an luach a dhiol mi air a son, thuirt iad rium gun do cheannaich mi tuille ’s daor i. Chuir so am chuimhne, mar biodh sin air tachairt, gur iomad ni eile a dh’ fheudainn a cheannach leis a chuid eile de ’n airgiod; agus rinn iad na h-uiread fhanoid orm arson m’ amaideachd ’s gun do ghuil mi gu goirt; agus chuir a bhi cuimhneach mar dh’ eirich dhomh tuille farrain orm na thug an fheadag de thoil-inntinn dhomh. Ach rinn sinn caileiginn de stadh dhomh na dheigh sin, ionnas ’nuair a bhithinn air mo bhrosnuchadh gu ni neo-fheumail a cheannach, theirinn rium fhein, “Na d’ thoir tuille ’s a choir air an fheadaig;” leis a sin chaomhainn mi mo chuid airgid. ’Nuair dh’ fhas mi mor, ’s a thug mi fainear gnathachadh dhaoine, air leam gu’n do thachair iomad fear orm “a thug tuille ’s a choir air fheadaig.” ’Nuair a chunnaic mi aon neach, tuille ’s deigheil air gean-maith nan daoine mora, a’ call uine, a shuaimhneas, a shaorsainn, a dheadh-bheus, agus theagamh a chairdean, chum ruigheachd air, ’s minic a thuirt mi rium fein, “Gun d’ thug am fear ud tuille sa choir air fheadaig.” ’Nuair a chithinn fear eile toileach a bhi ann am miagh, a’ sior thaghall cuideachdan tagluinneach, a’ dearmad a ghnothaichean fein, ’s tric a thuirt mi, “Tha e toirt tuille ’s a choir air fheadaig.” B’ aithne dhomh spiocaire bochd, a thug thairis gach solas ’na chaith-beatha, gach toileachadh air math a dheanamh do chach, gach meas a bha dligheach dha fhaotainn o dhaoine eile, agus solus cairdeas math airson maoin a chruinneachadh. “An duine,” truagh a deir mise, “tha e toirt tuille ’s a choir air fheadaig.” ’Nuair a chi mi fear an t-sugraidh, a’ lege dheth gach deagh-bheus, ’s a struigheadh uine agus a mhaoin arson toileacha faoin, “Amadain bhochd,” arsa mise, “’s ann a tha thu ’g ullachadh cradh dhuit fein an aite toil-inntinn; tha thu toirt tuille ’s a choir air t fheadaig.” Ma chi mi fear toigheach air aodach riomhach, air airneis chostail, agus air loiseam mor thar a theachd a stigh, ’s a chum am faotainn a theid an ain-fhiach, ’s a chriochnaicheas a chuairt ann am priosun; “Mo thruaighe,” a deir mise, “dhiol e gu daor air fheadaig.” ’Nuair a chi mi ainnir mhalta dheagh-bheusach posda ri fear mi-shuairce, “Nach bu mhor am beud e,” a deir mise, “gun d’ ioc i na h-uiread arson feadaig!” A dh’ aon fhocal, mhothaich mi gun robh a chuid bu mho de thruaighe a chinne-dhaonna air an tarruing orra leis a bharail mheallta a bh’ ac air luach nithibh, agus le iad a cheannach am feadag tuille ’s daor. FEILL MHOR PHARIS. Tha feill mhor gu bhi aig na Frangaich ann am Paris air an t-samhradh s’a tighinn, agus tha suil ri i bhi anabarrach mor agus soirbheachail, oir tha rioghachdan an t-saoghail gu leir gu bhi ’gabhail pairt innte. Ach a nise, o’n dheilig an Fhraing cho cruaidh agus cho eucorach ri Dreyfus, tha moran sluaigh anns gach duthaich a cur rompa nach teid iad do’n Fhraing idir aig an am sin, agus tha moran a bha gu nithean a chur ann gu bhi air an sealltuinn, a dol ’g an cumail air ais; agus b’e mi nan na feadhnach sin gu’n deanadh riaghladh nan Staidean agus dhuthchannan eile an t-suim a chuir iad air leth airson pairt de chosgus na feill a phaigheadh, a chumail air ais gu buileach. Ma thachras sin, cha bhi an fheill ach suarach, agus caillidh na Frangaich na muilleinean air sailleabh an deiligeadh ri Dreyfus, ni air doigh bu mhath an airidh, agus nach brosnaicheadh co-fhaireachdain sam bith dhaibh ann an cridheachan dhaoine tha gaolach air onoir agus ceartas. Ach cha’n eil e ro choltach gu’n dean fior mhoran sluaigh, no duthaich idir, na thatar a bagradh mar so. Cha deanadh dioghaltas dhe’n t-seorsa so moram feuma sam bith, agus dh’ fhaodadh e call mor a dheanamh ann a bhi brosnachadh gamhlais eadar an Fhraing agus rioghachdan eile. Bidh a Fhraing air a peanaisteachadh air son a h-eucoir gun teagamh sam bith, ach cha ’n ann air an doigh ud. Tha Riaghladh Bhreatunn, air aon, an deigh a leigeil ris nach eil ni sam bith a bha iad a dol a chur dh’ ionnsuidh na feille, no cuideachadh sam bith a bha iad a dol a deanamh leatha, ri bhi air a chumail air ais. Chaidh Tearnadh Caol Air. Bha e ’na chleachdadh aig maighstir-sgoile bha teagasg ann am baile beag araidh a bhi ceannach feola o pharantan na cloinne bha dol do’n sgoil aige ’nuair a bhiodh aon dhiubh a marbhadh beothaich. Aon latha chaidh gille beag suas dh’ ionnsuidh a buuird far an robh e agus dh’ fhaighneachd e dheth an ceannaicheadh e mir de dh’ fheoil muice; bha iadsan a dol a mharbhadh te. Thuirt am maighstir-sgoile ris gu’n ceannaicheadh. Chaidh faisg air seachdain seachad an deigh sin agus cha robh am maighstir a cluinntinn guth air an fheoil; aon latha dh’ eibh e air a ghille suas far an robh e, agus dh’ fhaighneachd e dheth car son nach tug e’n fheoil ’ga ionnsuidh. “O, le’r cead,” ars an gille, “cha do mharbh sinn a mhuc idir; chaidh i na b’fhearr.” ’Si ’n Oceanic an soitheach-smuide as motha tha nise air uisge. Thainig i tarsuinn an Atlantic o chionn ghoirid, a’ deanamh a turus ann an sia latha ’s da uair. Cha’n eil teagamh, nuair a thogras i feuchainn nach teid aice air tigh’n thairis ann an uine na’s giorra na soitheach sam bith eile. Tha Emile Zola, an sgriobhadair ainmeil Frangach, ag radh mur cuirear grabadh air na taighean-osda ann an Sasunn, gu’n dean iad an duthaich a sgrios. Tha cuisean eadar Breatunn ’s an Transvaal a dol na’s miosa. Tha e coltach nach toir ni sam bith ach cogadh Oom Pol gu toinisg. D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C B Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Leughaidh, Leabhraichean Nollaig us Bliadhn’ Uire, &c. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. C. H. HARRINGTON & CO. Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni. THA IAD A’ CREIC Flur, Min, agus Amhlan; Brogan, Botuinnean, Rubbers; Soithichean Glaine agus Creadha; na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile. “SALADA TEA,” Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris. BATHAR CRUAIDH. Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish, Putty, Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor. Aonghas Mac Leoid, SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 88] [Vol. 8. No. 11. p. 8] Saighdear Ghlinn-Liobhuinn. ’Mhic an fhir ruaidh ’bha misneachail, cruaidh, Do thuiteam ’san ruaig cha b’ fheairrde mi. ’Triall, ’s tu direadh ri cois frithe, Bhiodh cuilbheir direach dearbha leat. Coin air iallaibh, garg an gniomhan; B’e do mhiann bhith sealgaireachd. Pic nad dhornaibh, ’s mill na ’s leoir oirr’; ’S ann le treoir a thairnear i. Glac nach leumadh ri teas greine, Agus ceir o’n ghailbheinn oirr’. It an eoin leith, brice na deidh, ’S i air dheagh ghleus le barbaireachd. Siod’ a Eirinn, ’s meoir ga reiteach’; Cha tig geur fhear-ceaird’ air sin; Ach fleisdeir finealt o Ghleann-Liobhunn, Chuireas siod’ air calpannaibh. Cinn bhreac sgiathach air dhreach ialtaig; Cha tig iarann garcail orr’. Gun chron dluthaidh o d’ laimh luthoir; Ite chuil is earr air sin. An saoidh nach soradh air thus torachd; ’S mairg fear lodail thairneadh ort. An saoidh nach maoimeadh air thus feadhna; Bhiodh sgian chaol o’n cheardaich ort. Triath na Sroine, ma ’s fior dhomhs’ e, Gur h-i choir a’s feairrde leat. Daimh gad mholadh, ’triall gu solar; Bhiodh do sporan earlaidh dhaibh. Beoir air chuachaibh, ol aig t’ uaislibh Anns gach uair dh’ an tarladh sinn. Piob ga spreigeadh, fion ga leigeadh, ’S luchd leadan ann ri cearrachas. Fuaim air gach ti, dolaran sios; Galain dhe ’n fhion bharcaideach. Cupannan lan, musgar ri daimh; Usgar air mnaoi airg-bhraideach. Nall a Eirinn, sin ort sgeula, Thig coig ceud a shealltainn ort. ’N t-og a’s deis’ thu, dh’ fhalbh mu fheasgar; Ghabh mi cead san anmoch dhiot. ’N t-og a’s fionna, ’s fearr de ’n chinneadh, Nach d’ rinn cillein airgid riamh. Leam a b’ aithreach gun bhith mar-riut, Dol fo sparradh Ghall bhodach. Oran Gaoil. Gur muladach a ta mi, ’S mi sgith ’s a siubhal fasaich, ’S mo ghunn’ agam an caradh bho ’n t-sin’. An cuimhne leat, a mhaldag, An oidhche ’bha mi lamh riut, ’S mo lamh fo do chul fainneach gun sgios. Do shuilean mar na dearcan, No druchd air maduinn dhealtmhoir; Cha b’ ioghnadh thu gam ghlacadh ad lion. Do ghruaidh ’tha mar an t-ur-ros, Do dheud tha tana, dluth-gheal, ’S do phogan mar an siucar leam fhin. Tha t’ anail leam cho cubhraidh Ri aile blath nan ubhlan; ’S e sin a chuir mi ’n tus air do thi. C’arson ’tha thu ’gam dhiultadh? ’N e mi ’bhith air bheag chruintean? No ’n tugadh do dh’ fhear ur leat do chridh’? A nis bho ’n thug mo shron orm Deagh chomhairle na corach, Grad-leigidh mi mo ghoraiche dhiom. Gu ’m bi mi greis mar tha mi; Cha ’n iarr mi bean no paisdean, ’S am bi mi ’m dhuine saibhir an ni. An sin cha dean thu tair orm, Ach glacaidh tu air laimh mi, Is bidh sinn sona, gradhach, gun dith. Mac Baran nan Crun an Arasaig. An diugh ’s mor leam a ghaoth ’Tha aig buidhinn mo ghaoil, ’S iad air rudhaichibh faoin’ gun aird orra. Is tu m’ anam ’s mo run, Is tu abhal mo shul’, A mhic Baran nan Crun an Arasaig. ’Mhic an athar gun ghruaim, Air an ro mhor mo luaidh, Gu ma fallain gach uair an t-slainte dhuit. ’S iomad gaisgeach nach fann, ’Bhiodh ri d’ ghualainn ’nan deann, Na ’m biodh bagraidhean teann bho namhaid ort. Sar Chlann-Domhnaill mo ruin, Luchd a dhioladh nan crun, Bheirinn toiseach air tus failte dhaibh. Sud an comunn gun gho D’ am bu chomas an t-ol, ’N uair a shuidheadh na h-oig ’san tabhairne. Buidheann eile fo dheas ’Bhiodh le ’n geur lannaibh leat; Deagh Chlann-Neill cha b’e ’n treas fagail iad. Thig Siol Dughaill a ris, Na fir ura ’s mor pris, ’S iad nach fuilingeadh aon spid thamailteach. Mac Mhic Alastair Og, Thig bho chaisteal an t-Stroin, Is Mac Fhionghain bho’n Chro, ’s gu ’m b’ fheairrd thu e. Gu’m bu leat an am t’ fheum’, Na fir ghasda nach geill, Fiurain Mhuideart gu leir ’s fir Arasaig. Mar is ait leam r’a sheinn, Bhiodh Siol Thormaid, na trein, Is Siol Thorcuill o ’n Bheinn ’s o ’n Bhana leat. Bho ’n taobh eile de ’n chaol, ’S c’uim’ an ceilinn na laoich, Thig Mac-Coinnich ’s Mac-Aoidh le ’n sar fhearaibh. Clann-ghilleain nan tur, Cha’n eil mearachd ’sa chuis, Gur a sean agus ur do chairdeas riu. ’Righ, gu’m b’ ait leam do chliu A dhol farsuing gach tubh, ’S gur h-e ’m pailteas ’sa mhuirn a’s gnathach leat. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE NO. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 89] [Vol. 8. No. 12. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 29, 1899. No. 12. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXVIII. SINN A TOIRT AN CUIR ASDA. An uair a bha sinn a smaointean gu ’n robh iad gu math trom ’nan cadal, thoisich sinn ri bruidhinn gu beag eadrainn fhein mu thimchioll ciod bu choir dhuinn a dheanamh. Thuirt fear is fear dhinn nach robh dad bu ghlice dhuinn na ar casan a thoirt as gun dail sam bith. Thuirt Tomas ruinn gu’m bu choir dhuinn oidhirp a thoirt air rud dhe ’n fhudar ’s dhe’n luaidhe a bha cho pailt aig na fir a bha ’nan cadal a thoirt uapa. “Ni sinn feum dhuinn fhein air da dhoigh,” ars’ esan, “gheibh sinn am fudar ’san luaidhe gus an cur gu feum dhuinn fhein, agus bheir sinn uapasan an t-inneal-sgrios a’s fhearr a th’ aca. Cha ’n fhearr gunnachan ann an cath na sguinn de sheana mhaidean, an uair nach bi fudar is luaidhe ri ’m faotainn. Ghabh mi fhein beachd air an aite anns an do chuir iad am fudar ’s an luaidhe as an laimh. Cha chreid mi nach teid agam fhein ’s aig Balso air a chuis a dheanamh. Bithibhse lan-dheas gus bhur casan a thoirt as ma thachras gu’n duisg iad. Na biodh curam sam bith oirbh m’ar deidhinne. Is ann ro chabhagach a thig an gnothach oirnn ar neo bheir sinn sinn-fhein as gu sabhailte.” Cha duirt fear seach fear dhinn aon fhacal an aghaidh so. Bha sinn car beag air ar cruadhachadh leis na cunnartan anns an robh sinn a’ tachairt; agus o’n a bha sinn gu fortanach a’ faighinn gu sabhailte as gach cunnart anns an robh sinn, bha ar misneach gu math na bu treise na shaoileadh duine. Bu duine ladair, treun tapaidh a bh’ ann am Balso. Bha e car uine na sheirbhiseach aig Tomas mu’n d’fhalbh sinn a Demerara. Cha bu duine dubh e ’s cha bu duine geal e. Bha e leitheach mu leitheach eadar an da dhath. Bha ’n fhuil Spaineach agus an fhuil Innseanach a’ ruith ’na chuislean. Bha e ’na dhuine cho math fradharc is claisneachd ’sa chunnaic mi riamh, agus cha mhor nach robh e cho luath ris na luin. Bha feum againne air iomadh uair. Dheanadh e rud sam bith air chomhairle Thomais. Gu bog balbh rinn sinne deiseil gus am monadh a thoirt oirnn co dhiubh thigeadh torachd oirnn no nach tigeadh. Ciod sam bith mar a thigeadh cuisean mu’n cuairt, dh’ fheumamaid sinn fhein a thoirt as mu’n soilleiricheadh an latha. Bha sinn an deigh dluth air ceud slat a dheanamh a’ direadh a’ mhonaidh mu’n do chairich Tomas agus Balso as a’ bhad ’san robh iad. Shuidhich sinn so eadrainn mu ’n do chairich sinn. Bha sinn gu falbh cho failidh ’s a b’ urrainn duinn; ach nan duisgedh fuaim ar cas na fir a bha ’nan cadal, ghrad leanadh Tomas agus Balso sinn. Ged a bha sinn a’ direadh ris a’ mhonadh air ar socair mar a dh’ iarradh oirnn, bha cas a’ falbh ’s cas a’ fuireach againn, mar a bhiodh aig na h-eich an uair a bhiodh iad a’ dol do’n mhuillean. Bha na cridheachan air chrith againn leis an eagal a bh’ oirnn gu’n eireadh beud do Thomas agus do Bhalso, an dithis a b’ fhearr a bha ’nar measg. Sheas sinn far an robh sinn; oir shuidhich sinn nach rachamaid ceum na b’ fhaide gus am biodh fios againn cia mar a rachadh an gnothach leis na fir. Cha robh sinn fada ’nar seasamh an uair a thug sinn an aire gu’n robh iad a’ tighinn. Thog ar cridheachan leis an toileachadh. Dh’ aithnich sinn gu ’n deachaidh a’ chuis leotha gu math an uair a chunnaic sinn gu ’n robh deadh eallach air gach fear dhiubh. An uair a thainig iad dluth gu leor dhuinn, chuir Tomas a lamh air a bheul, a ciallachadh nach robh sinn ri guth a radh aig an am. Ghabh sinn romhainn le ceum cho cabhagach ’s a b’ urrainn duinn. An uair a choisich sinn mu mhile air feadh chreagan is phreasan, agus iomadh cnap-starra eile a bha ’tachairt ruinn a’ direadh gualann na beinne, shuidh sinn beagan uine gus ar n-anail a leigeadh. Thuirt Tomas ruinn nach robh math dhuinn fois no tamh a dheanamh, no idir fuireach ri greim bidh a ghabhail gus am biodh an latha geal ann. “Is docha nach bi na fir ud fada gun dusgadh; agus theid mi an urras nach bi iad fada ’nan dusgadh an uair a dh’ ionndrainneas iad rud no dha a bha gle fheumail dhaibh. Faodaidh sibhse ’bhith cinnteach gu’m bi iad air ar toir an uine gun bhith fada.” An uair a thuirt Tomas so ruinn, ghrad dh’ aontaich sinn gu’n robh e ceart. Gun dail bha sinn air shuibhal; agus ged a bha an rathad doirbh gu leor ri choiseachd, agus sinn fhein sgith le cion fois is cadail, chuir sinn astar math nar deigh mu’n d’ eirich a’ ghrian. An uair a dh’ eirich a’ ghrian gu math, bha cothrom againn air deadh shealladh fhaotainn air an duthaich mu’n cuairt. Bha sinn aig an am air gualann na beinne. Mu thri mile anns an aird iar-dheas oirnn, bha sinn a’ faicinn amhainn mhor, agus badan de choille thiugh gun a bhith ro ard, an sid ’s an so air na bruaichean aice. Cho fad ’s a b’ urrainn duinn a thuigsinn, cha bhiodh e furasda do mharcaichean moran cabhaig a dheanamh a’ dol troimh ’n chuid ud dhe ’n duthaich. Agus ged a bha sinn sgith gu leor, shuidhich sinn gu’n ruigeamaid bruaich na h-aimhne mu’n deanamaid a’ bheag a dh’ fhois. Bha sinn uile gle aoibhneach an uair a chunnaic sinn sealladh dhe’n amhainn. Bha sinn aireamh laithean anns an fhasach thioram theith; agus ged nach robh sinn buileach eiseil a chion uisge, bha sinn iomadh uair gann gu leor dheth. Rainig sinn bruaich na h-aimhne mu dheireadh. Bha sinn cho taingeil, tha mi creidsinn, ’s a bha sinn latha riamh. Thachair baidean dhe’n chrodh-fhiadhaich ruinn faisge air an amhainn, agus ged a bha eagal oirnn gu ’n cluinneadh ar luchd-torachd fuaim na h-uruchrach, loisg sinn orra, agus mharbh sinn fear dhe na gamhna. Cha robh sinn fada ’ga fheannadh, agus bha rud dheth deas againn gu ar biadh. An uair a ghabh sinn ar biadh, thug sinn lamh air na h-eallaich a thug Tomas agus Balso o na fir a bha air ar toir. Cha robh ann am beachd Thomais dad a thoirt uatha ach am fudar ’s an luaidhe. Ach thug Balso leis eallach a dhroma dhe gach ni a thachair ri laimh. Am measg gach rud a thug e leis bha maileid mhath throm de leathar laidir. A bharrachd air a bhith air a cheangal gu teann le strapaichean leathair, agus le bucaill, bha glas mhath laidir oirre. Bha D. S. ann an litrichean mora sgriobhte oirre mar an ceudna. Bha Tomas diumbach gu leor de Bhalso air son a mhaileid a thoirt leis. “Cha ’n ’eil mi creidsinn gu ’n robh e idir ceart dhut, a Bhalso, gnothach a ghabhail ri ni sam bith a bhuineadh do na daoine ach am fudar ’s an luaidhe,” arsa Tomas. “Mur b’e gu’n robh ’nam bheachd an cumail o chron a dheanamh oirnn fhein agus air daoine eile, cha robh mi air dad sam bith a thoirt uapa. Faodar a radh gu’m bheil cogadh eadar iadsan agus sinne, agus tha fhios againn gu’m bheil iomadh ni a tha mi laghail aig am eile laghail gu leor an am cogaidh. Cha bhiodh e laghail dhuinn beatha duine thoirt air falbh na’s lugha na dheanamaid e gus ar beatha fhein a shabhaladh.” Ach ged a bha Tomas an aghaidh do Bhalso deanamh mar a rinn e, bha h-uile fear eile ag radh gu’n d’rinn e ceart gu leor. Bha iad ag radh naach d’ rinn Balso orrasan ach mar a dheanadh iad fhein oirnne nan robh an cothrom aca. Dh’ fhosgladh a’ mhaileid mu dheireadh. Bha moran de bhuinn oir is airgid innte ris an abrar, milreis. Seasaidh iad da thasdan is tri sgillinn dhe ’n airgiod Bhreatunnach. Bha bann-airgid anns a’ mhaileid mar an ceudna, agus b’ fhiach e deich mile milreis. Bha am bann-airgid so sgriobhte ann an ainm Dhaniel Shampsoin, am fear a bha na chompanach seomair agam car uine an uair a bha mi ann an Glasacho. Ghrad thuig mise gu’m b’e a bha seinn an orain Bheurla an oidhche roimhe sid. Bha mi cinnteach gu’n cuala mi guth an duine roimhe, ach cha b’ urrainn domh a radh c’aite. Bha beagan litrichean anns a’ mhaileid. Bha aon te ann a fhuair e o mhathair beagan mhiosan roimhe sid, agus gu cinnteach ceart bha briathran innte a bha anabarrach uile fhein druighteach. Bha e soilleir gu leor do neach sam bith a leughadh an litir, gu’n robh an te a sgriobh i ’na boirionnach gle dhiadhaidh. Bha i lan de chomhairlean matha agus iomradh air a dheanamh innte air a ghealladh a thug e mu’n d’ fhalbh e o’n taigh, gu’n tugadh e gach oidhirp air cul a chur ris an olc, agus dluth-leantuinn ris an ni a tha math. Bha mar an ceudna Leabhar Urnuigh na h-Eaglaise Sasunnaich anns a’ mhaileid; ach cha robh coltas gu ’n d’ rinneadh moran leughaidh air. Tharruinn a h-uile rud a bh’ ann ar n-inntinn cho mor a dh’ ionnsuidh Dhaniel ’s gu ’n d’ innis mi dhaibh, cha b’ e mhain gu ’m b’ aithne dhomh e, ach mar an ceudna gach ni a b’ aithne dhomh m’a dheidhinn. Dh’ eisd iad uile gu foighidneach ris gach ni a dh’ innis mi dhaibh m’a dheidhinn. An uair a chuir mi crioch [TD 90] [Vol. 8. No. 12. p. 2] air na bh’ agam ri radh, chomhairlich mi dhaibh a’ mhaileid agus gach ni a bha ’na broinn a ghleidheadh gu curamach gus an tugamaid seachad i, uair no uaireiginn, do’n fhear leis am bu leis i. Rinn fear thall ’s a bhos gaire fanaid orm. “Am bheil thu ’n duil,” arsa fear dhiubh, “gu’n cuir sinne ar beatha ann an cunnart gus do chomhairle-sa ghabhail? Nam faigheadh Daniel Sampson agus na fir a bha comhladh ris greim oirnn aon uair, cha rachainn an urras gu’n tugadh iad moran fathamuis dhuinn.” An uair a chunnaic mi nach gabhadh iad mo chomhairle, dh’ fhan mi samhach. Bha sin fhein cho math dhomh. “Faodaidh sinn feum a dheanamh dhe’n or ’s dhe’n airgiod,” arsa Tomas; “ach ged a dh’ fheuchadh fear sam bith dhinn ris a bhann-airgid a thionndadh gu or no gu airgiod, cha deanamaid ach sinn fhein a chur ann an crois as nach fhaigheamaid ri ar beo. Agus o nach urrainn duinn feum a dheanamh de ’n bhann-airgid, is fhearr dhuinn a ghleidheadh gun fhios nach fhaigheamaid doigh air a chur a dh’ ionnsuidh an duine do’n buin e. Tha ainm a’ bhanca againn, agus cho luath ’s a gheibh sinn cothrom, faodaidh sinn a chur uige ann an litir.” (Ri leantuinn.) DIASAN GAIDHEALACH—SEAN AGUS NUADH. Choisinn am paipear a leanas a cheud duais aig a Mhod Ghaidhealach anns an Oban an uiridh. Bha e air a sgriobhadh le Donnacha Mac Calum, an Glascho.— Tha inntinn an duine gu tric ag aomadh gu bhi rannsachadh a mach agus a sgrudadh nithean a bhuineas do staid agus do shuidheachadh a chomh-chreutair anns na laithean a dh’ fhalbh. Tha e nadurra do na linntean a tha lathair a bhi sealltuinn air an ais air cleachdan nan linntean a chaidh seachad, agus ged a tha chuid mhor de eachdraidh neo-sgriobhte an t-saoghail paisgte suas ann an diomhaireachd agus ’an dorchadas, gidheadh thatar comasach, le rannsachadh agus le geur-bheachdachadh, a bhi toirt soluis agus eolais air nithean a bha, roimhe so, diomhair agus dorcha. Tha e, mar an ceudna, nadurra gu ’m bi gach neach, gach pobull agus gach cinneach, a’ gabhail tlachd ann a bhi cumail suas eachdraidh agus morachd an duthcha shonraichte fein, chionn tha gradh duthcha a’ laidhe gu domhainn ann an cridheachan dhaoine. Bha eachdraidh a’ Ghaidheil (cosmhail ri eachdraidh dhuthchannan eile) paisgte ann an dorchadas re moran linntean a dh’ fhalbh, ach is mor an solus a chaidh thilgeadh air eachdraidh a’ Ghaidheil o shean, anns an linn so fein. ’S ann le soilleireachd eachdraidh agus eolais a mhain a thatar comasach air tighinn gu comhdhunadh chinnteach mu staid, mu shuidheachadh, agus mu chleachdan ar n-aithrichean, agus tha na Gaidheil gu sonruichte fo mhor chomain do na daoine foghluimte a thug an uine agus an saothair gu bhi cur dealbh na firinn air eachdraidh an duthcha. Le moran, roimh so, cha robh an Gaidheal air a mheas ach mar thraill, mar dhuine borb, aineolach, ’s gun mhath sam bith ach mar inneal-cogaidh. Mar tha an saoghal a’ fas na’s sine, tha’n Gaidheal a’ tighinn gu rioghachd fein—tha moran de na coirichean a bhuineadh dha gu laghail, ceart, air an aiseag air an ais dha, agus feumar aideachadh gu’m bheil a staid agus a shuidheachadh air an la an diugh, na ’s fear agus na ’s cothromaiche na bha iad anns na laithean o shein. Cha b’ ann gun saothair ’s gun dragh a choisinn e sin, ach mar tha’n seanfhacal ag radh—“Cha tig math gun dragh.” Air dhomh, la an deigh la, a bhi beachdachadh air cuisean a’ Ghaidheil agus a dhuthcha, bha mi fo bhuaireas agus fo iomagain, agus air oidhche shonruichte an deigh dhomh gabhail gu tamh chunnaic mi aisling a thug solas do’m chridhe. Thainig neach araidh am fagus dhomh ’s mi m’ laidhe fo sgaile craoibhe moire ann an tir nach b’ aithne dhomh. Ann a laimh dheis bha cromag fhada dharaich—’n a laimh chli bha gloinne-sula fada caol—bha e gun cheann-aodach, gun chasbheart—bha aghaidh dealrach mar an solus, agus a cheann air a chrunadh le liath-reothadh na h-aoise. Car tiota bha mi fo uamhas, agus air chrith bho mhullach mo chinn gu bonn mo choise. Dh’ fheuch mi ri bruidhinn, ach bha glas-bheoil orm ’s nach b’ urrainn mi facal a radh—dh’ fheuch mi ri eiridh, ach cha robh lugh coise no laimh agam. Thug an neach a bha ’n so fainear gu’n robh mi fo eagal agus fo thrioblaid. Ann am briathran ciuine thubhairt e rium, “A mhic a’ Ghaidheil, na bi fo eagal, ach eirich agus lean mo cheumansa, bheir mise beagan misnich agus soilleireachaidh dhuit mu na nithean a tha cur trioblaid ort.” Dh’ fhag an t-eagal mi, thainig lugh nam ball air ais, agus fhuair mi comas na teanga. Gu h h-umhal ’s neo-sgathach lean mi e, a’ cur na ceiste ris, “Co thusa, no ciod e d’ ainm.” “Is mise,” ars’ esan, “An t-Aosda, agus is Aosda m’ ainm.” Threoraich e mi thar rathad corrach, cas, gu mullach beinne airde bho’m faicear fad agus farsuingeachd an domhain gu h-iomlan—bho eiridh gu laidhe na greine. “Fosgail,” ars an t-Aosda, “do shuilean—mosgail suas, agus cuir an gloinne so ri d’ shuil.” Rinn mi mar dh’ iarradh orm; chur mi ’n gloinne fada caol ri ’m shuil; sheall mi mu’n cuairt, agus chunnaic mi sealladh a chuir mor ioghnadh orm. “Ciod,” ars an t-Aosda, “a tha thu faicinn?” “Tha mi faicinn,” arsa mise, “aireamh ro-mhor de m’ chomh-chreutairean a’ gluasad an sid agus an so aig iochdar na beinne mar gu’m biodh iad a’ deanamh uidheamachaidh air son turuis fhada.” “Aig iochdar na beinne moire so,” thubhairt an t-Aosda, “tha thu faicinn sreathan de bheanntan a’s lugha a’ sgaoileadh a mach air gach taobh; aig iochdar nam beann sin, mata, tha critheal a’ chinne-daoine.” Air dhomh a bhi beachdachadh le smuaintean cudthromach air a’ mhor-shluagh a’ gluasad an sid agus an so, mar sheangain air tom, agus air an aite sin far an d’ fhuair an Cinneadh-daoine am priomh-thoiseach, thug mi fairear gu’n robh iad a’ sgapadh o cheile, cuid a’ dol tuath, cuid a dol deas, cuid a’ dol an ear, agus cuid eile an iar. “Tionndaidh an gloinne-sula an rathad so,” ars an t-Aosda, ’s e sineadh a laimhe ris an airde-’n-iar. Rinn mi sin. “An ceud buidheann a tha thu faicinn air an t-slighe chum na h-airde-’n-iar, ’s iad sin,” ars’ esan, “an sluaigh ris an abrar na Gaidheil, an Cinneach sin bho ’n d’ thainig Gaidheil do la fein; cum do shuil orra.” “’S mi a chumas Aosda ghradhaich,” arsa mise, “bu mhiann leam a bhi ’n an cuideachd.” “Na abair sin,” ars esan ’s e crathadh a chinn. “Thuit do la agus do linn fein ann an am sith agus soilleireachd. Cha ’n e sin dhaibh-san a chaidh romhad, agus a tha thu a nis a’ faicinn; ’s iomadh trioblaid, cruaidh chas, agus cath trom troimh ’m feum iad dol mu’m faigh iod a bhuaidh sin a tha feitheamh orra.” An deigh nan Gaidheal thug mi fainear gu’n robh dream eile a’ gabhail na slighe ceudna; b’ iad sin na Teutonaich, no mar theirear an diugh—na Germailtich. A’ gabhail geur beachd air an da bhuidheann sin, na Gaidheil agus na Teutonaich—chiall mi sealladh air a’ chuid eile de’n mhor-shluagh a chunnaic mi aig iochdar na beinne moire; ach, thubhairt an t-Aosda, “Cha ’n ’eil ar gnothuch-ne riutha aig an am; fagar iad, gach aon a’ gabhail a rathaid fhein.” A’ cumail ar suilean air na Gaidheil tha sinn a’ faicinn gu ’n d’ rinn cuid dhiu aiteachas mu 800 mile an Iar de ’n aite dh’ fhag iad, agus thug iad an ainm fhein air an aite sin—Galatia—’se sin tir no aite nan Gaidheal. C’uin a thainig iad an sin cha’n eil fios, ach bha iad ag aiteachadh na tire sin mu 300 no 400 bliadhna roimh theachd Chriosda, agus bha Ghaidhlig air a bruidhinn an sin aig am an naoimh Jerome. “B’ iad na Gaidheil,” ars an t-Aosda, “a reir barail dhaoine foghluimte, an ceud buidheann a chuir cas air tir na h-Eorpa as an Asia, agus bha na Teutonaich aig an sail. Air an turus troimh ’n Eorpa, bha na Gaidheil o am gu h-am a’ cur catha ri treubhan eile a bha tighinn ’n an car, agus b’ iomadh cath cruaidh agus fuilteach a chaidh chur eadar iad fein agus na Teutonaich, na Greugaich, agus na Roimhich. ’Sann bho na Gaidheil, na Teutonaich, na Greugaich, agus na Roimhich a thainig gach sluagh a tha ’n diugh ag aiteachadh na Roinn-Eorpa.” Air an turus rathad na h-airde ’n Iar, dh’ aitich na Gaidheil earannan de’n Eadailt, de thir nan Switseach, de’n Fhraing agus de’n Spainne, agus mar dhearbhadh air sin dh’ fhag iad Comharran ’nan deigh nach gabh aicheadh. Mar thubhairtear cheana, tha moran de shean eachdraidh a’ Ghaidheil air a paisgeadh suas ann an dorchadas, agus ’s ann le bhi leughadh aghaidh naduir, anns na litreachan maireannach sin—ainm aitean—a thatar comasach air beagan soluis a thilgeadh air an dorchadas sin leis am bheil eachdraidh neo-sgriobhte a’ Ghaidheil o shean air a h-iadhadh mu’n cuairt. Thug na Gaidheil mata, ainmean Gaidhlig air moran aitean feadh na h-Eorpa, agus le bhi lorgachadh a mach freumh agus brigh nan ainmean, thatar a’ tighinn gus a’ chomh-dhunadh, gu’n d’ aitich iad am fearann sin a tha giulan gus an la’n diugh ainmean Gaidhlig. Faodaidh e bhi ’na ni furasd sluagh a cheannsachadh leis an laimh laidir, ach cha ’n eil e idir cho furasd canain a mhilleadh gu buileach. Ged a dh’ fhaodas aon chanain a bhi air a slugadh a suas le canain eile, gidheadh cha ’n eil a’ chanain sin a tha air a slugadh a suas air a call ach am pairt. Tha canain a tha mar so air a tathadh ri canain a’s treise, a’ fantuinn beo ann an doigh, ged is ann fo shamhladh, no ann an eideadh canain eile, chionn tha i toirt beatha agus cumhachd do’n chanain sin eile. Tha sin gu sonruichte fior ann an ainm aitean—tha na h-ainmean sin air an sgriobhadh cho domhain air aghaidh an t-saoghail nadurra ’s nach gabh iad ach gann dubhadh a mach ged a dh’ fhaodas iad a bhi air atharrachadh dreacha. Agus mar sin le bhi ’sgrudadh agus a rannsachadh a mach ann an solus eolais agus fiosrachaidh, brigh, agus freumh nan ainmean leis am bheil a’ chuid mhor de ’n t-saoghal nadurra aithnichte, tha luchd-rannsachaidh comasach air faotainn a mach ciod a ghne dhaoine a thug na h-ainmean seachad. ’S ann air an doigh sin a thatar a’ tighinn gu comh-dhunadh gu’n d’aitich na Gaidheil cuid de dhuthchannan na h-Eorpa air an turus a chum na h-Airde ’n Iar, agus a chum Breatunn. Bha na Gaidheil agus na Teutonaich ’nan coimheirsnich dhlutha eadhon air an turus troimh ’n Eorpa, agus ’s e sliochd nan Gaidheil agus nan Teutonach a tha ’n diugh ag aiteachadh nan Eileinean Breatunnach fo na h-ainmean coitchionn—Albannach, Eirionnach, agus Sasunnach. O mhor roinn na h-Eorpa, mata, bha Breatunn agus Eirinn air [TD 91] [Vol. 8. No. 12. p. 3] an aiteachadh le Gaidheil. Tha Gaidheil na h-Alba ’s na h-Eirinn bho’n aon stoc, agus tha iad a bruidhinn na canain ceudna. Tha an Sasunnach agus Gall na h-Alba air an tarruing anns a mhor-chuid o’n stoc Teutonach. Ach tha e duilich a radh air an la ’n diugh, c’aite am bheil an teaghlach Gaidhealach anns nach ’eil boinne no dha de dh’fhuil a choigrich ’n an cuislean. Tha na Sasunnaich, bho na linntean a dh’ fhalbh gus a nis, ’g am meas fhein fada os ceann nan Gaidheal agus ag agairt dhaibh fhein mor chliu air son an eolais, am morachd agus am maitheis—gu’m bheil gach maitheas a tha ’s an t-saoghal a toiseachadh agus a’ criochnachadh anns an t-Sasunnach—gun esan, agus esan a mhain riaghlair an domhain, agus gur ann aigesan a mhain, a tha iuchair eolais an t-saoghail. Is tric a gheibhear e ag amharc sios le tair air a’ Ghaidheal, agus ’g a meas mar chreutair aineolach, suarach—a’ toirt aite-suidhe cuil dha anns gach ni. Tha fios aig an t-saoghal gu ro-mhath, gur iomadh tamailt agus tair a chaidh charnadh air ceann a’ Ghaidheil, an da chuid an eachdraidh ’s an cainnt; agus cha b’ ioghnadh e idir ged a ghluasadh a leithid sin de dhroch-ghnathachas naimhdeas ann an cridhe a’ Ghaidheil an aghaidh a luchd-maslachaidh. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XII. Bha airgiod gu leor aig a’ phrionnsa agus aig Marsabhan gus an cosgais a phaigheadh, agus ghabh iad air an aghart cho cabhagach ’s a b’ urrainn iad. Ged nach do thachair rud sam bith orra a chuireadh maille orra, o ’n a bha astar fad’ aca ri chur ’nan deigh, thug iad uine mhath air an rathad. Mu dheireadh rainig iad gu sabhailte ceanna-bhaile Shina. An aite dhol do’n taigh anns an robh e ’fuireach mu ’n d’ fhalbh e, is ann a thug Marsabhan am prionnsa do thaigh-osda. Dh’ fhan iad tri latha anns an taigh-osda a’ leigeadh an sgios an deigh gach uidil is allaban troimh ’n deachaidh iad air an turus. Re nan tri latha so, bha taillear ag obair aca gu math trang a’ deanamh trusgan reuladair do phrionnsa Alsaman. Agus an uair a bha ’n trusgan glan ullamh, chaidh iad le cheile do ’n taigh-fharagaidh, far an do chuir am prionnsa an trusgan uime. Threoraich Marsabhan am prionnsa troimh ’n bhaile gus an d’ rainig iad dluth air luchairt an righ, far an d’ fhag e e gus an rachadh e fhein far an robh a mhathair a dh’ innseadh dhi gu’n robh am prionnsa an aite eiginn faisg’ air laimh, a chum gu’n aithriseadh i an sgeul ro aoibhneach so do nighean an righ. Fhuair Marsabhan do ’n phrionnsa a h-uile seorsa inneil air an cuireadh reuladair feum. Agus an uair a theagaisg e dha a h-uile car mar bu choir dha a dhol ann an ceann a’ ghnothaich, thug e dh’ ionnsuidh geata na luchairt e air an ath mhadainn. An uair a rainig am prionnsa geata na luchairt, ghlaodh e aird a chlaiginn, ag radh. “Is reuladair mise, agus tha mi air tighinn a leigheas na bana-phrionnsa, Badoura, nighean Ghaidher, righ moralach, cumhachdach Shina, air na cumhnantan a shuidhich e fhein, gu ’m faigh mi i ri ’posadh ma leighiseas mi i, ar neo gu’n caill mi mo bheatha ma theid an gnothach ’nam aghaidh.” Ann an uine ghoirid chaidh an sgeul am fad ’s am farsuinn air feadh a’ bhaile, gu’n robh reuladair og, maiseach air tighinn a leigheas nighean an righ, agus chruinnich aireamh mhor shluaigh thun a’ gheata, far an robh Alsaman ’na sheasamh a’ feitheamh gus an leigeadh na saighdearan a bha ’gleidheadh an doruis a steach e. Fad uine mhath roimhe sid, cha d’ thainig aon lighiche, no reuladair, no draoidh a thairgse nighean an righ a leigheas; oir an uair a chuala ’s a chunnaic iad gu’n do chuireadh aireamh mhor gu bas a chionn nach deachaidh aca air nighean an righ a leigheas, sguir iad a thighinn. Bha gach neach a chuala mu ’n ghnothach a’ smaointean nach robh duine tuilleadh ann a bha cho fad’ as a chiall ’s gu’n gabhadh e os laimh an obair chunnartach ud a dheanamh. An uair a chunnaic an sluagh cho og ’s cho dreachar ’sa bha am prionnsa, agus a dh’ aithnich iad air a choltas gu’m bu duine e a chaidh a bhreith is arach aim an inbhe aird, bha truas gu leor aca ris. Thuirt feadhainn dhe na bha ’nan seasamh dluth dha, “Ciod air an t-saoghal is ciall dhut, an uair a tha thu anns an doigh so a’ cur do bheatha ann an cunnart a bhith air a grad thoirt air falbh? Nach bu choir do na bheil de chinn an crochadh air geatachan a’ bhaile do chumail o oidhirp a thoirt air obair a dheanamh a dh’ fhairtlich air a h-uile fear a dh’ fheuch rithe? An ainm Dhe, smaoinich le curam air na tha ’nad bheachd a dheanamh; agus leig an obair chunnartach a chuir thu romhad gu buileach as do cheann, agus thoir thu fhein as.” A dh’ aindeoin na theireadh an sluagh ris cha gheilleadh am prionnsa dhaibh. Agus o nach robh e ’faicinn aon duine ’tighinn gus a thoirt a steach do ’n luchairt, labhair e na ceart bhriathran a labhair e roimhe le guth cho laidir ’s cho misneachail ’s gu’n do chuir e uamhas air gach neach. Thuirt iad uile a beul a cheile, “Leigibh leis. Tha e suidhichte air basachadh. Gu’n deanadh Dia trocair air ’anam!” An uair a ghlaodh e an treas uair anns na ceart bhriathran, thainig an t-ard-chomhairleach, agus thug e steach an lathair an righ e. Cho luath ’s a thainig am prionnsa an lathair an righ, chrom e e-fhein le mor-umhlachd ’na lathair, agus phog e an t-urlar. Am measg nan uile a ghabh os laimh a nighean a leigheas, cha robh a h-aon dhe ’n do ghabh an righ a leithid de thlachd ’s a ghabh e dhe ’n phrionnsa, agus bha truas gu leor aige ris, o ’n a bha e ’cur a bheatha ann an cunnart cho mor. Agus o ’n a dh’ aithnich e gu’n robh Alsaman na b’ fhearr an airidh air meas agus air urram na h-aon de chach, thug e air suidhe ri ’thaobh. “A dhuine oig,” ars’ esan, “is gann a chreideas mi gu’m biodh e fhathast comasach dhut eolas gu leor fhaotainn leis an rachadh agad air mo nighean a leigheas. B’ fhearr leam gu’n rachadh agad air a leigheas, agus bheirinn dhut i ri posadh le m’ uile chridhe. Bhithinn fada na bu deonaiche a toirt dhut na do aon sam bith eile a thainig an so gus a leigheas. Ach, aig a’ cheart am, feumaidh mi innseadh dhut le mor dhurachd, mur teid a’ chuis leat, gu’n cuirear an ceann dhiot, ged a tha thu ’nad dhuine uasal og, eireachdail.” “Le ’r cead, a righ,” ars’ am prionnsa, “tha mi anabarrach fada ’nar comain air son na h-urram a tha sibh toileach a chur orm, agus air son a chaoimhneis mhoir a tha sibh a’ nochdadh dhomh. Ach bu mhath leam gu’n creideadh sibh nach tiginnsa a duthaich fad air falbh—duthaich, ma dh’ fhaoidte, air nach cuala sibh iomradh riamh—mur bithinn lan chinnteach gu’n rachadh agam air bhur nighean a leigheas. Ciod a theireadh an saoghal mu m’ dheidhinn, nam bithinn cho neo-steidheil nach tugainn oidhirp air bhur nighean a leigheas, an deigh gach sgios is uidil is allaban a dh’ fhuiling mi a’ tighinn air an astar so? Nan deanainn so, cha bhiodh a’ bheag de mheas agaibh fhein orm. Ma’s eiginn domh am bas fhulang, bidh de thoileachadh agam aig uair mo bhais, nach do chaill mi am meas mor a tha agaibhse orm. Air an aobhar sin, tha mi ’guidhe air bhur morachd, nach cum sibh moille sam bith orm o dhol an ceann a’ ghnothaich a ghabh mi os laimh; agus an sin chi sibh gu’n teid an gnothach leam.” An uair a chual’ an righ so, thug e ordugh do ’n chaillteanach a bha ’gabhail curaim dhe ’n bhana-phrionnsa, Alsaman a thoirt a steach do ’n t-seomar aice. Ach aig a’ cheart am thuirt e ris, gu’m faodadh e, nan togradh e fhein, tilleadh air falbh gun dol na b’ fhaide. Cha do ghabh am prionnsa suim sam bith dhe na briathran so, ach lean e an caillteanach am mach as an t-seomar. An uair a rainig iad faisge air an aite anns an robh seomar nighean an righ, choisich am prionnsa ceumannan air thoiseach air a’ chaillteanach leis an toil a bh’ aig sealladh de nighean an righ fhaotainn gun dail sam bith. Ach ghreas an caillteanach a chas, agus an uair rug e air ghairdean air thuirt e, “Dean air do shocair; cha ’n urrainn duit faighinn a steach gun mo chead-sa. Tha chuis coltach gu’m bheil fior thoil agad greasad air a’ bhas fhaotainn. Cha robh a leithid so de chabhaig air aon fhear dhe na reuladairean ’s de na draoidhean a thug mise steach far am bheil nighean an righ, agus tha eagal orm gu’m bi a’ cheart uiread de chabhaig ort a’ tilleadh an uair a theid a’ chuis ’na d’ aghaidh.” “A charaid,” ars’ am prionnsa ’s e ’g amharc gu dluth air a’ chaillteanach, “is e b’ aobhar dha sin, nach robh fear seach fear dhe na reuladairean air am bheil thu ’bruidhinn cho cinnteach asda fhein ’s a tha mise. Bha iad cinnteach gu leor gu’n cuirteadh gu bas iad nan rachadh an gnothach ’nan aghaidh; ach cha robh cinnt sam bith aca gu’n rachadh an gnothach leotha. Agus mar sin, bha aobhar aca ’bhith fo eagal. Ach tha fhios is cinnt agamsa, gur ann far an do choisinn iadsan am bas a tha mise gus mo lan shonas fhaotainn.” Bha iad le cheile aig an dorus an uair a labhair e na briathran so. Dh’ fhosgail an caillteanach an dorus, agus thug e am prionnsa steach do thalla mor maiseach. Ann an ceann shuas an talla bha dorus an t-seomar anns an robh nighean an righ. Sheas Alsaman far an robh e, agus o nach robh ach sgail-bhrat a’ dunadh an doruis, air eagal gu’n cluinneadh nighean an righ a ghuth, labhair e gu beag ris a’ chaillteanach, agus thuirt e ris, “A chum a dhearbhadh dhut nach ann aon chuid le ann-danadas, no le aineolas na h-oige a thainig mi a leigheas nighean an righ, fagaidh mi gu do roghainn fhein co dhiubh a leighiseas mi nighean an righ gun dol na’s fhaide na so fhein, no ’na do lathair fhein a staigh anns an t-seomar far am bheil i.” Ghabh an caillteanach uamhas an uair a chual’ e mar a labhair am prionnsa, agus thuirt e ris, “Is coma co ’n t-aite anns an leighis thu i ma theid agad air a leigheas. Ge b’ e air bith aite no doigh air an leighis thu i, coisnidh tu cliu mor dhut fhein, cha ’n ann a mhain ’s an rioghachd so, ach mar an ceudna anns gach rioghachd fo ’n ghrein.” Fhreagair am prionnsa, agus thuirt e, “Tha e pailt cho math dhomh a leigheas gun a faicinn, a chum gu’n tog thusa fianuis air mo thaobh gu’m bheil mi sgileil. Ged a tha toil gu leor agam a’ bhana-phrionnsa fhaicinn, a tha gus a bhith agam mar mhnaoi, gidheadh, a chum gu’n leig mi ris dhut gu’m bheil meas agam ort, fan- (Air a leantuinn air taobh 94) [TD 92 [Vol. 8. No. 12. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, SEPTEMBER 29, 1899. LITIR A CEAP NOR. Tha mi direach an deigh a bhi leughadh naidheachdan Framboise, le “Ceann Liath,” ’s an aireamh mu dheireadh de ’n MHAC-TALLA. Tha e toirt gu’m chnimhne gu bheil an t-am agam fhein teannadh ri beagan de naidheachdan an aite so a ghreasad d’a ionnsaidh mar an ceudna. Tha e toirt ni a’s dorra dhomh na sin gu ’m chuimhne, agus ’se sin, cho ro choltach ’s a tha e fas gur gearr an uine gus am feud mise, ma thoilicheas mi, “Ceann Maol,” a sgriobhadh aig crioch gach litir. Tha ’m bearradair agam, Alasdair Og, ag radh rium gu bheil m’ fhalt a’ fas gle thana air mullach mo chinn; agus ma dh’ fhaodas breth a thoirt a reir coltas a dha shuil an am a bhi ga innse dhomh, cha’n ann ri fala-dha ’tha e idir. Tha fios aig MAC-TALLA, maille ri moran eile, gu bheil an ceann liath ’n a chrun gloire do gach neach a tha gluasad ’an slighean a ghliocais. Tha mi ’creidsinn gu bheil “Ceann Liath” dhe ’n aireamh agus ’se ar dochas gur iomadh la bhios e air a chaomhnadh gu bhi ’sgriobhadh gu MAC-TALLA. Tha sinn an deigh ar cuid feoir fhaotainn fo dhion; ach tha moran arbhair air a bhi gearrta o chionn aireamh laithean, nach d’ fhuaradh fathast a ghreidheadh, le cho mi-fhreagarrach ’s a tha ’n aimsir. Tha ’n cruithneachd ’s an coirce moran na ’s fhearr na bha iad an uiridh. Bidh barr math de dheadh bhuntata againn; ’s nam biodh seol sam bith againn air beagan airgid a chosnadh a chum paidheadh a mhinistear agus na cis, mheasadh iomadh duine e fein sona aig an dearbh am so. ’S minic a choisinn daoine beagan airgid air na roidean mora; ach ged tha moran de’n rathad eadar an Ceap agus Ingonish cho feumach air leasachadh ’s a ghabhas a bhi, ’s e beagan dheth sin a tha ’n dan dha air a bhliadhna so. ’Se ’n ceum rathaid eadar an t-aite so, agus Pleasant Bay moran a’s cunnartaiche. Cha ruigear a leas tuilleadh dearbhaidh a thoirt air a sin na gu ’n chaill each le aon de Chloinn-an-Toisich, a cheithir cruidhean ann air an t-samhradh so. Tha neach eiginn a ghabh an rathad maslach ud o chionn ghoirid, a’ sgriobhadh ma thimchioll mar an “t-slighe aimhleathan a tha treorachadh gu sgrios,” O chionn beagan bhliadhnaichean ’s beag nach robh suil againn gu’m biodh an rathad ur a chaidh a ruith eadar an da aite, air fhosgladh suas a thiotadh. Chaidh oibreachadh air taobh Pleasant Bay gu mullach a mhonaidh. Air an taobh againne de’n bheinn chaidh a choille thoirt a earrann de’n t-slighe, agus drochaid mhath fhiodha chur air an abhuinn, aig bonn na beinne—drochaid a tha fior ainmig air a’ gabhail le neach sam bith; agus a reir coltais, a bhios air a grodadh fada mus teid an rathad ur ud fhosgladh suas. B’ ann le Seumas Mac Coinnich a chaidh an rathad ur a ruith; agus ged tha bheinn ard, cha’n eil direadh cas ’an aite sam bith de’n t-slighe, an taobh a roghnaich esan. M. D. Ceap Nor, Sept. 23, ’99 Beachdan Neonach. Tha ’n treibh Innseanach ris an canar na Piutes, a creidsinn gur h-i ghrian athair mor a chruthachaidh uile, agus gur h-i a ghealach a bhean. Is iad na rionnagan a chlann, agus nuair a thig an athair, a ghrian, mu’n cuairt, folaichidh iad iad-fein cho luath ’s is urrainn daibh; tha eagal mor aca roimhe a chionn, tha iad a creidsinn, ma bheireas e orra gu’n ith e iad. Mar sin tha na Piutes a creidsinn, nuair a dh’ eireas a ghrian ’sa mhaduinn, ’sa theid na rionnagan as an t-sealladh, gu bheil a ghrian an deigh na’s urrainn dha dheanamh gus aon de na rionnagan fhaotainn air son a bhraiceist, ’s gun deachaidh each am folach. Ach co luath ’sa theid a ghrian a laidhe anns an iar feasgar, tha na rionnagan a tighinn a mach a rithist a chluich ’sa ghabhail solais maille ri ’m mathair, a ghealach, air am bheil gaol mor aca. Tha ’ghealach, mar an ceudna, anabarrach measail air a cloinn, ach uair ’sa mhios tha i foluch a h-aghaidh ’sa deanamh broin air son o cloinne, na rionnagan, a tha a fear-posda an-iochdmhor, a ghrian, an deigh ithe fad a mhios. Air an aobhar sin, tha eagal mor aig na h-Innseanaich so roimh ’n ghrein, agus tha iad ag amharc oirre mar chumhachd iongantach, ach ’s ann do ’n ghealaich a dh’ innnseas iad an ruintean agus gach diomhaireachd a bhios aca, a chionn gu bheil i caomh, seimh, agus sgiamhach mar bu choir do mhathair a bhith. Tha iad ag amharc air Bhenus, an rionnag fheasgair, mar an aon a’s treine de chloinn na gealaich air fad, a chionn gur h-i a cheud te a nochdas i-fhein feasgar ’nuair a tha ’ghrian a dol fodha anns an airde ’n iar. Air son nan rionnagan-smuide, tha iad a’ creidsinn gur iad sin rionnagan air an d’ fhuair a’ ghrian greim, ach an deigh dhi toiseachadh air an ithe, gu’n d’ fhuair iad air doigh eigin as a lamhan: ’se ’n smuid sholuis a tha os an deigh fuil na rionnaig, a tha sileadh gu bras am feadh a tha i teicheadh bho h-athair, a ghrian. Nuair a tha ’n rionnag-smuide dol a sealladh, tha fhios aig na Piutes gu’n d’ fhuair a ghrian greim air an rionnag leointe ’s gu’n do dh’ith e i. Cha’n eil an so ach beagan de na beachdan neonach a th’ aig pairt de na fineachan fiadhaich mu ’n chruthachadh mhor a tha ’g an cuartachadh. Cha ’n eil solus aca, no comas air eolas fhaotainn mar a th’ againne, agus cha’n iongantach ged a bhitheadh beachdan cearr agus neonach aca. Ach neonach ’s gu bheil iad, tha iad boidheach, agus a nochdadh gu h-araidh gu bheil gradh na mathar cho blath ’nam measg ’sa tha e ann ar duthaich fhein. Bha gille beag ann am baile ’sa Ghearmailt d’ am b’ainm Seoras Iain Stutz, agus nuair a bha e deich bliadhna dh’ aois chuir a mhathair ceithir mile dolair dh’ an bhanca air a shon. Uine ghoirid an deigh sin chaochail i, gun fhios a bhi aige-san gu’n d’ rinn i solar sam bith air a shon. Thainig e mach do America, agus tha e na gharadair ann am baile beag an New Jersey ’se nise tri-fichead bliadhna ’sa sia deug a dh’aois. Fhuair e mach o chionn ghoirid gu robh an t-airgead so ’na laidhe anns a bhanca, agus gu robh e air fas o bhi na $4.000 gu bhi ’na $75.580. Tha esan a chumas air fhein nuair a tha fearg agus corruich a dian-ghoil an taobh a stigh dheth, an deigh buaidh fhaotainn a ni furasda dha iomadh buaidh eil’ fhaotainn. Tha gach buaidh a gheibh duine a deanamh na h-ath bhuaidh na’s furasda toirt a mach. Bha Eirionnach uair ann an tigh-osda, agus an am dha a dhol a laidhe thug e ordugh e bhi air a dhusgadh gu math trath ’sa mhaduinn. An deigh dha cadal, fhuair fear no dha dhe ’chompanaich dubhaich agus dhubh iad ’aodann. ’Nuair a chaidh eigheach air ’sa mhaduinn, thug e leum as an leabaidh, agus b’e cheud rud a rinn e sealltuinn ann an sgathan. “A mhic an t-saoghail!” ars esan, “nach mi-shuimeil muinntir an taighe so: car son nach do dhuisg iad an duine ceart?” NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. [TD 93] [Vol. 8. No. 12. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha na saoir ann a Habhana, ceanna-bhaile Chuba, an drasda air strike, ag agairt nach bu choir a bhi aca ri obrachadh ach ochd uairean ’s an latha. Tha na Cubanaich ag ionnsachadh doighean nan Geancach gu math. Chaochail duin’ og a mhuinntir Loch Ainslie, Murchadh C. Dughlach, ann am Boston, air a choigeamh latha deug dhe’n mhios so. Bha e air a thoirt air falbh le fiabhrus leis an robh e tinn anns an ospadal tri seachduinean. Thugadh a chorp dhachaidh gu Loch Ainslie gu bhi air adhlacadh. Chaidh fear Mac-a-Mhaighstir a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg a Riverton, an siorrachd Phictou, toiseach na seachdain s’a chaidh. Bha e ’na shineadh air an rathad ’s an daorach air, agus chaidh na carbadan thairis air, ’ga mharbhadh air bal. Fhuaireadh botull de stuth laidir ’na phocaid. Chaidh Rob Burke, mac do Iain Burke, aois choig bliadhna, a bhathadh ann an Lingan feasgar Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. B’abhaist dha bhi dol dh’ionnsuidh na laimhrig an coinneamh athar a h-uile feasgar; air an fheasgar ud cha robh ’athair roimhe, agus thatar a deanamh a mach gu’n do thuit e dh’ an uisge ’se feuchainn ri dhol air bord soithich a bha aig an laimhrig. Cha d’ fhuaireadh a chorp fhathast. Tha eilean beag air oirthir siorrachd Lunenburg, N. S. ris an canar Eilean an Daraich, agus a reir barail cuid a dhaoine tha ionmhas Chaiptein Kidd am falach ann. Thatar a’ cladhach air son an ionmhais sin o chionn faisg air ceud bliadhna, ach airgeid no or no ni eile cha d’fhuaireadh ann fhathast, agus ’se ’s docha nach fhaigh. Ach cha luaithe sguireas aon chuideachd a chladhach na thoisicheas cuideachd eile. Reic tuathanach a mhuinntir Phictou ceithir tubaichean ime ann an Antigonich an la roimhe. Thomhais iad ceud us coig puinnd fhichead, ach nuair a chaidh am feuchainn an ath latha, fhuaireadh gu robh faisg air ceud punnd de chlachan annta. Fhuair e coig sentichean deug am punnd air son nan clach cho math ’sa fhuair e air son an ime; ach cha b’ iongantach leinn ged a gheibheadh e beagan a bharrachd air sin air sailleabh a chuid malairt. Tha Iapan a deanamh gach dichioll is urrainn dhi air faotainn suas ris na rioghachdan Eorpach. Tha i ’n drasda ’cur a mach buidheann dhaoine a dh’ fheuchas ri ceann a tuath an t-saoghail a ruigheachd. Tha na h-Iapanaich a creidsinn, mar is math a dh’fhaodas iad, gur e dh’ fhag Breatunn cho cumhachdach ’sa tha i an diugh, an tlachd a bha aig a sluagh riamh ann a bhi siubhal an t-saoghail ’sa faotainn a mach aiteachan agus duthchannan ura; agus tha iad a smaoineachadh gu feum iad fein eiseimpleir nam Breatunnach a ghabhail anns an doigh sin, ma tha iad air son a bhi coltach riutha ann am morachd ’s an cumhachd. Agus o nach eil an corr aiteachan ri fhaotainn, bheir iad oidhirp air ceann a tuath an t-saoghail a thoirt a mach. Tha’m barr crithneachd ann am Manitoba anabarrach math air an fhoghar so, agus fhuaireadh a ghearradh ’s gabhail aige gun an reothadh a dheanamh cron sam bith air. Tha sin na sgeul math do Mhanitoba, agus do Chanada air fad. Bha Banca ann am baile Phictou N. S., o chionn aireamh mhor bhliadhnaichean, ach bhrist air agus tha e nise air sgur a dheanamh gnothuich. Chaill iadsan aig an robh pairt ann corr us ochd fichead mile dolair ($161,970) dhe’n cuid airgeid. Chaidh an dithis dhaoine air an d’ rinneadh greim mar mheirlich each ann an Sidni air an 11mh latha dhe’n mhios so a thoirt air beulaobh luchd-ceartais ann an St. Peter’s air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha iad ri bhi air am feuchainn aig a chuirt mhoir. Thug iad seachad mar an ainmean, Murchadh agus Oliver Buckley. Cha b’e ’n ainmean fein a thug iad seachad ann an Sidni idir. Tha sgeul anns na paipearan-naigheachd ag radh gu bheil aireamh mhor Eirionnach ann an ceann a deas Africa a tha ullamh gu reiseamaid a thogail a theid a chogadh air taobh an Transvaal, ma ’se ’s gu’n brist cogadh a mach eadar a cho-fhlaitheachd sin agus Breatunn. Tha e air a radh mar an ceudna, gu bheil deich mile Eirionnach an New York a tha deiseil gu dhol do’n Transvaal air a ghnothuch cheudna. Di-mairt s’a thighinn tha ’n da bhirlinn, an “Columbia,” agus an “Shamrock,” ri reis a chur a mach o acarsaid New York. Cha’n eil ach ainneamh bliadhna dol seachad gun birlinn Bhreatunnach a thighinn a nall a dh’ fheuchainn ris an duais a chosnadh, ach gu ruige so cha d’ fhuaireadh sin a dheanamh; tha an duais—cupa luachmhor—a fuireach air taobh bhos a chuain. ’Si ’n “Shamrock” a bhrilinn a thainig a nall a Breatunn am bliadhna, agus tha duil mhor aig an fhear leis an leis i gu’n toir i buaidh air Gheancach. Bidh fhios am bheil an duil sin ceart seachdain o’n diugh. Tha dithis dhaoine air an cur an sas an Guysboro air son iad a bhi coireach ri da shoitheach a long-bhristeadh air an t-samhradh so, air son an t-airgead cinnteachaidh fhaotainn. Chaidh aon soitheach a chur as an rathad faisg air Liscomb, agus an te eile faisg air St. Pierre; bha na dha luchdaichte le giomaich, ach chaidh an luchd a thoirt dhiubh mu’n do chuireadh dh’ an ghrunnd iad. Bha na eucoraich an duil gu faigheadh iad an t-airgead cinnteachaidh air son nan luchd cuideachd, ach chaidh amhrus a leagail orra; bha iad air an glacadh, agus thog cuid de na daoine bh’ air na soithichean fianuis ’nan aghaidh. Tha soitheach eile air chall a tha daoine deanamh a mach a shiubhail air an aon doigh ris na dha so. Chaidh an ais-innleachd a dheilbh toiseach na bliadhna, ach mar is tric a thachair do luchd an uilc cha deachaidh leotha mar a bha iad an duil. Cha d’ fhuair iad sgillinn de’n airgead, ach tha deagh choltas gu faigh iad aireamh bhlaidhnaichean a chur seachad anns an tigh-obrach. ’Se ’s ainm do na daoine, Otto Feltmate agus Perry Munro. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 94] [Vol. 8. No. 12. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 91.) aidh mi far am bheil mi an drasta.” Thug e ’mach peann is inc is paipear as a phocaid, agus sgriobh e litir thun na bana-phrionnsa anns na briathran a leanas:— “Prionns’ Alsaman a dh’ ionnsuidh bana-phrionnsa Shina. “A bhana-phrionnsa ionmholta!— Tinn ’s mar a tha prionns’ Alsaman leis a’ ghaol a th’ aige ort, cha’n aithris e aig an am so na piantan do-labhairt a dh’ fhuiling e riamh o ’n oidhche iomraidich ud anns an d’ thug thusa le do mhaise gun choimeas air falbh uaithe an t-saorsa a bha duil aige a ghleidheadh fad uile laithean a bheatha. Cha ’n ’eil aige ri radh ach gu’n do ghabh e gaol a chridhe ort an uair a chunnaic e thu ’na do chadal ri ’thaobh; agus ged a rinn e na b’ urrainn da gus do dhusgadh feuch am faiceadh e aon sealladh dhe do shuilean lainnireach, cha ’n fhosgladh tu iad. Mar chomharradh gu’n do thuit e ann an trom ghaol ort, ghabh e de dhanadas ’fhainne fhein a chur air do mheoir, agus am fainne bha air do mheoir-sa a thoirt leis. Tha e cur an fhainne g’ad ionnsuidh anns an litir so. Ma chi thu iomchuidh a chur air ais g’a ionnsuidh mar chomharradh gu’m bheil gaol agad air, measaidh e e-fhein mar dhuine cho sona ’s a tha air an talamh. Ach mur cuir thu air ais am fainne, fuilingidh e am bas gu toileach agus gu foighidneach, do bhrigh gu’m bheil gaol mor aige ort. Tha e anns an t-seomar a’s fhaisge dhut a’ feitheamh gus am faigh e fios-freagairt.” An uair a chuir am prionnsa crioch air an litir so, chuir e am fainne ’na broinn gun fhios do ’n chaillteanach, agus sheulaich e i. Thug e dha i, agus thuirt e, “So, a charaid, thoir sin a dh’ ionnsuidh do bhanamhaighstir; agus mur bi i air a leigheas cho luath ’s a leughas i an litir, agus a chi i na bheil ’na bhroinn, tha cead agad innseadh do gach neach, gur e mise reuladair cho beag naire agus cho aineolach ’sa bha no a bhitheas air an t-saoghal.” (Ri leantuinn.) Mar Thaghadh am Ministear. FHIR A TH’ ANN,—Faodaidh tu bhi cinnteach nach ’eil sgeul ri aithris an ceardach no ’m muileann ach mu oraid Eoghain oig agus cho gleusda ’s a chuir e chas-bhacaig air na bodaich Ghallda. Tha fear no dha ’s an sgireachd a tha ’n comain Eoghain oig air son a ghlas-ghuib a chur e air Fear an Tuim, am maighstir-sgoil, ’s an Lighiche, oir bha iad a fas ro dhana, ’s am beachd nach robh acasan ach am facal a radh ’s gu ’m biodh gach ni ceart. Mo chreach! chaidh an cur as am beachd air an fheasgar ud, agus tha iad an run na biodaig do dh’ Eoghan og, ach cha ’n eil an coruich a cur cualag air Eoghan—buidheachas do dh’ Achd nan Croiteirean—an t-aon Achd a’s fearr a rainig a’ Ghaidhealtachd riamh—tha choir air Croit-an-fhidhleir a cheart cho math ’s cho seasmhach ri coirichean Fear an Tuim air oighreachd-san. Tha e air a ghonadh air son mar a chaidh ’amaideachd e thaobh an Eaglais Shasunnaich a chuir e air bonn, urachadh, agus a nochdadh do’n t-sluaigh air dhoigh nach di-chuimhnich iad an da latha so. Airson a mhaighstir-sgoil ’s an Lighiche tha iad air dearg lasair a chaothaich a chionn mar a laidh Eoghan og orra, agus ’s e cuid a’s miosa leotha gur iad fein a thug air an cinn e le Eoghan og a chuir gu dulan. Tha ’n fhirinn air uairibh searbh, agus bha i mar am burban dhaibhsan air an fheasgair ud. Tha iad ag radh gu bheil am maighstir-sgoil a boideachadh gu’n crean Eoghan og air son a chainnt aig a choinneamh ud. Dh’ innis cuidigineach so do Eoghan og agus ’s e na thubhairt esan,—“Ge mor ainteas na poite bige cha teid e seach an luath,”—cha mhisde daoine an fhirinn a chluinntinn cor uair. ’S e chuir am Maighstir-sgoil ’s an Lighiche bhi cho crosda gu’n do chuir am Bard Gogach rannan ri cheile mu’n Bhuidheann-thaghaidh, ’s mar dh’ eirich dhaibh, agus ’se an t-ainm a thug e air a’ Mhaighstir-sgoil anns a bhardachd so, “Diotrephus.” Tha beachd agad gu ’m b’e so duine a reir an Tiomnaidh Nuadh, a bha daonan an geall air a bhi air ceann gach gnothaich. Ach ’s mithich dhomh innseadh dhuit ciamar tha dol do Eoghan og agus a’ Bhuidheann-thaighaidh a tha leis. Tha mi tuigsinn gu’n do chuir Eoghan a chomhairle ri Maighstir Domhnull agus dh’ ainmich esan gu’n robh duine og tapaidh ann an Cill-a’-chomhan—odha do Lachunn nan Ceist a bha ’n Cadaldan—agus gu’n robh e’m beachd gu’n tigeadh e do ’n sgireachd so na ’n d’ fhuair e gairm aon-sgeulach o ’n choithional. A bharrachd air a sin dh’innis e do dh’ Eoghan gu ’m biodh an Comanachadh anns an sgireachd so toiseach a mhios agus gur ann aige-san, o’n a bha’n sgireachd ban, a bha ri amharc as deigh chuisean agus gu’m feuchadh e ri Maighstir Iain a Cill-a-Chomhan fhaotainn ’g a chuideachadh air an t-Sabaid sin agus mar so gu’m biodh cothrom aig a choithional air a chluinntinn. Dh’ innis Eoghan so uile do ’n Bhuidheann-thaghaidh a chiad oidhche chruinnich iad agus dh’ aontaich iad feitheamh gus an cluinneadh iad Maighstir Iain a Cill-a’-Chomhan. Thainig Latha Chomanachaidh agus chuir Maighstir Domhnull a charaid Maighstir Iain a Cill-a-Chomhan an ceann na seirbheis air a bhlar-a-mach agus chaidh e fhein do ’n eaglais. A dhuine chridhe ’s ann aig Maighstir Iain a bha’n coithional—gach beag is mor, sean is og ’s an sgireachd, cho math ri moran a sgireachdan eile a thainig, cuid thar muir is thar monaidh, ’ga eisdeachd. Bha ’n latha eireachdail, le feathachan beag gaoith as an deas. Shearmonaich Maighstir Iain gu pongail gleusda mar is math is aithne dha ’s cha robh duine a chual e nach robh lan toileach a ghabhail mar am ministear. Air Di-mairt chruinnich a’ bhuidhean-taghaidh agus bha iad uile an geall air Maighstir Iain. Chaidh an coithional a chruinneachadh air an ath sheachdain agus gun ghuth mor, gun dhroch fhacal, thagh iad Maighstir Iain a Cill-a-Chomhan agus tha iad uile lan riaraichte leis. Cha robh am Maighstir-sgoil no an Lighiche aig coinneamh a’ choithional, ’s cha robh ionndrainn orra. Tha iad ag radh, ach ’s iomadh run a bhitheas iad ag radh nach ’eil fior, gu bheil iad fein agus Fear an Tuim dol a chur na h-Eaglais iaruinn tha’n slugan a’ ghlinne air doigh a rithist agus gu’m bi ministear Sasunnach aca dhaibh fein. Chi sinn, mar thuirt an dall! ach cuiridh mise so air mhanadh nach d’ rugadh am ministeir a riaraicheas an triuir ud re aon raidhe. ’Se sin ministear a sgeoil bhochd a tha ri bhi fo chomain do’n triuir ud. Ma bhios sgeul ur ’s an sgireachd sgriobhaidh mi ad ionnsaidh. Is mi do charaid dileas, FIONN. Tha duine dubh a bha na robair ainmeil, ri bhi air a chrochadh an uine ghoirid ann a Virginia. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! RI CHREIC. FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh. FEARANN aig Forks Road, mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich,—mu cheud gu leth acaire. FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air. Prisean agus Dail Reusanta. Phœbe Brookman. Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B [TD 95] [Vol. 8. No. 12. p. 7] Mu Thimchioll Tea. De gach luibh a tha fas ann an China, is ann do’n Tea is mo is fiu dhuinn an air’ a thoirt, leis mar tha i, a’ buileachadh deoch thaitneach air gach inbhe dhaoine ’nar measg. Is ainmig a tha’m preas so, a tha cosmhuil ri seorsa roide, a’ cinntinn ni ’s airde na dris nan ros, no mar is mo sea no seachd troighean air airde. Is minic a shuidhichear e na shreathaibh, mu thuaiream tri no ceithir de throighibh o cheile. Tha’n duilleach is mo mu dha oirleach air fad, agus a h-aon air leud; tha iad a’ fas caol ’nam barr, mar dhuilleach dris nan ros. Tha’m preas so gach am uaine. Tha e ’giulan fras mu mheudachd spiligein peasrach, o bheil am preas a’ fas. Is ann air an deiseir is fearr a chinneas iad. Bha e roimhe so air a mheas leis a liugha seorsa Tea bha air an reic san Roinn-Eorpa, gur ann a bha iad a’ fas o mhughadh phreas; ach fhuaradh a mach gur mearachd a bha ’n so: nach ’eil ann ach toradh an aon ghne phris, ag eadar-dhealuchadh o cheile ann an dath agus ’an cubhraidheachd, a reir an fhuinn o’n d’fhas iad, am an tionail, agus an uidheamachaidh. Tha cheud chuid gan tional sa Mhart, ’nuair nach ’eil ach beagan duillich air fas air a phreas, agus gun ach la no dha a dh’ aois: ’s an am so cha’n ’eil iad ach beag, uaine, agus maoth: tha daoin’ a meas gur e so gne is fearr, agus le’n ro fheobhas tha iad air an gleidheadh fa chomhair righrean agus dhaoine mora; agus arson sin, theirear Tea rioghail rithe. ’S ann an Iapan a tha’n curam is mo air a ghabhail do’n phreas phriseil so; tha ’n curam air earbsa ri muinntir aig a bheil ordugh na duilleagan a choimhead o dhuslach, agus an dion o’n fhuachd. Tha iad air an trusadh leis an fhaicill is mo, agus cha bheir iad oirre nan lamhaibh gun laimhainnean grinne bhi umpa. ’Nuair, mar so a chruinnichear an Tea thaghta so, cuirear fo fhreiceadan laidir i chum an Iompaire, agus theid a gleidheadh fa chomhair teaghlach an Iompaire. Tha iad a’ meas gur ann a tha’n dath uaine aig an t-seorsa Thea so ag eiridh o’n am sam buainear an duilleach, cosmhuil ri meas an-abuich, a tha mar is trice uaine agus geur sa bhlas. Tha ’n dara tional air a dheanamh mu dheireadh a Mhairt: tha na duilleagan san am so mor, gun a bheag de’m faile-cubhraidh a chall; ach tha mughadh eadar an abuichead, cuid air teachd chum an lan chinneis, agus cuid nach ’eil. Ach tha iad air an tional feadh a cheile, ’s a ris air an sonrachadh a reir am buaidhibh fa leth; agus na duilleagan is fearr air an reic fo ainm an t-seorsa rioghail. Tha’n treas tional a’ tachairt ann am Mios meadhonach an t-Samhraidh, ’nuair tha na duilleagan air teachd chum an lan mheudachd. ’Se so an cruinneachadh is tomadaich, ach cha’n ’eil an Tea co maith. An deigh dhoibh na duilleagan a chruinneachadh, tha iad air an toirt do na tighibh-caoineachaidh, chum an ullachadh fa chomhair feum. Chaidh na tighean sin a thogail air chosdas na rioghachd, agus feudaidh gach neach, aig nach ’eil cothrom air a dheanamh aig a thigh fein, a chuid Tea a thoirt do aon de na tighibh-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; ’s an uair a tha i gu tioram, lan uidheamaichte, tha iad an sin ’ga ’n cur ann an cisteachaibh linnichte le luaidhe thana, agus gan cur air falbh do’n Roinn-Eorpa. ’S anns a bhliadhna 1610 thainig a cheud Tea do’n Roinn-Eorpa, agus ’s iad na Duitsich a thug ann i. Anns a bhliadhna 1666 chosg am punnd di ann an Lunnuinn tri puinnd Shasunnach, agus mhair i aig an luach sin gu 1707. Thachair do’n Tea mar thachair do ’n tombac, a’ leigeadh ris a bhuaidh a th’ aig cleachadh air a chinne-dhaonna. Mu thuaiream da cheud bliadhna ro ’n am so, cha robh aon chuid diu aig muinntir na h-Eorpa; ach an diugh is tearc duine bochd leis nach annsadh an Tea, (anns nach ’eil beathachadh sam bith) seach bainne sughmhor na bo. Cha’n ioghnadh ged a tha muinntir China toigheach uimpe; tha i fas aca ’nan tir fein; agus ’nuair a smuainticheas sinn air a chuis, chi sinn mor mhaitheas an Fhreasdail ann am buileachadh na luibh so co pailt nam measg, a chionn gu bheil uisge na tire sin co mi-fhallain, agus mar biodh ni-eigin aca ’na cheann, nach b’ urrainn iad feum a dheanamh dheth. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Am Feillire. SEPTEMBER, 1899. 1 Di-haoine La Thobarmuire, 1644. 2 Di-satharna La Worcester, 1661. 3 DI-DONAICH XV. Donaich na Caingis. 4 Di-luain An t-aramach am Paris, 1870. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Eirigh Righ Seumas, VII, 1688. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine 9 Di-satharna La Flodden, 1513. 10 DI-DONAICH XVI. Donaich na Caingis. 11 Di-luain La Chamus Coinnich 1297 12 Di-mairt La Abareadhain 1644. 13 Di-ciaduin Ciad Mhod a’ Chomunn Ghaidh, ’san Oban, 1892 14 Dior-daoin 15 Di-haoine Toirt a staigh a chunntais uir, 1752. 16 Di-satharna 17 DI-DONAICH XVII. Donaich na Caingis. 18 Di-luain Glacadh Cuebec, 1759. 19 Di-mairt Clodh-bhualadh a cheud leabhair, 1471. 20 Di-ciaduin 21 Dior-daoin 22 Di-haoine Da Sliabh a’ Chiamhain, 1745. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH XVIII. Donaich na Caingis. 25 Di-luain 26 Di-mairt La Bhalaclava, 1854. 27 Di-ciaduin Bas Sheumais Fhaolain, 1852. 28 Dior-daoin 29 Di-haoin An fheill Mhicheil. 30 Di-satharna MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 4, U. 11, M. 19 F. A Cheud Chairteal L. 12, U. 5, M. 35 F. An Solus Lan L. 19, U. 8, M. 17 M An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 10, M. 49 M Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte. Sgriobh gu— J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney C. B. Bha Eirionnach uair a moladh mart a bha e air son a chreic. “Faodaidh tu a cumail ’na gamhnaich o bhliadhna gu bliadhna,” ars esan, “agus cha’n fhas am bainne gann aice. Tha ghne sin a ruith anns an t-seorsa cruidh dhe ’m bheil i; thainig i-fhein o mhart aig nach robh laogh riamh.” BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 96] [Vol. 8. No. 12. p. 8] Duan Callainne. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. FONN—“Beinn Dorainn.” URLAR. ’S i ’n nochd an oidhch’ is buadhoir A dh’ ordaicheadh; Diolaidh sinn na duain Mar is coir dhuinn. Tha bliadhn’ ag imeachd bhuainn, Bliadhn’ tigh’n oirnn a nuadh, ’G inntreachadh le cuartachadh Ordaimail. ’S i ’n nochd an oidhch’ is dual dhuinn Bhi roiceil; An fheisd ga car a suas Air na bordaibh; A’ gloinn a’ dol mu ’n cuairt, ’S fallain an stuth fuar, Rati an Taoibh-Tutth— Mac-an-Toisich e. Cridhealas gun ghruaim Aig ar n-og-feharaibh; Bannal thogadh fuaim Air na h-orana, Fidheal ga cur suas— Inneal-ciuil nam-buadh, Sheinneadh na puirt luatha Bu cheolmhoire. Guidhim dhuibh ’s gach uair, Ailleas, tlachd, a’s buaidh— Cleachdainnean nan uaislean Thug foghlum dhuibh. Saoghal fada, buan; Pailt ur bliochd ’s ur buar; Fortan air ur sluaigh Fhad ’s is beo iad. SIUBHAL. O, seinnibh an ealaidh Romh ’n cabhagach straonadh; An ealaidh bheag ghrad-bhriathrach, Aigeannach, aotrom, Huganaich chaithreamach, Inntinneach, aithghearr, A thogadh ar n-aigne Bho ghart-ghreann an Fhaoillich. Chollainn seo, Challainn sin, Fheara mo ghaoil-sa! Buailibh am balla Le deannal nan gairdean! Sar bhuillean sreallanta, Troma nan gallan, Bheir diosgan a’s fathrum Air darach nan taobhan, Gu neartmhor a’ slachdraich Ri clachan an aolaich. Mhuinntir tha ’s teach, Do an cleachadh bhi caomhail, Mo dhurachd do ’r n-aitim Air faidead ur saoghail; Aoibhneas a’s aiteas, Gun eiginn, gun airce, ’S gach ni mar is taitniche, ’S ait leam bhi saor dhuibh. Gu ma fad bhios iad maireann Gu mathas a sgaoileadh Sonas a’s aiteas Bhi leanailt ri ’m macaibh; Am Freasdal mar neart dhaibh, Bho ghlacaibh gach baoghail. URLAR. Ma is math leibh mise leanailt Air an ealaidh seo mar thoisich, Gu’n innis mi gu grad-bhriathrach, Cho athgoirid ’s bu choir dhomh— ’S i ’n nochd an oidhch’ is aighirich A Shoillsich reul a athar oirnn— ’S i ’n oidhche Choinnle, Challainn, Teachd na h-ath-bhliadhn’ As a h-oige. Mar dh’innseas an luchd-eachdraidh dhuinn An cleachdadh bha bho thos Aig a’ mhuinntir a chaidh seachad, Mu an Challainn a bhi roiceil; Gach righeachd anns a’ chruinne ’N d’ rinn an cinne-daonda tuineachadh, ’S sulasach gach muirichinn Ga ’m furan thun nam bordaibh. ’N uair theid sinn thun ar coimhearsnaich G’ a choimhead mar bu doigh leinn, ’S a cholla’nicheas sinn aitreamhan Le slachdarnaich nan crocmhiar, ’S iad briathran fhir-an-tighe ’n sin; “A mhaca nan sonn fathasach, A b’ fhialaidh ri luchd-tathaich, Leam gur taitneach sibh ga ’m fheoraich A nuas, a bhean, thoir pailteas dhuinn— Biodh Floiri bhan ga sgapadh leat, Fear smearach miath nan ceapairean, Na chnapaidh air a’ bhord dhuinn; A nall am botul unamach, ’S gu’n olamaid gu h-urranta, Deoch-slainte nam fear furanach ’S neo-sgrubail ’s an tigh-osda.” SIUBHAL. Cumar oidhche na Callainn Gu caithreamach, muirntach, Eireachdail, fearachail— Leanailt ri ’r duthchas— Fiughantach, furasda, Fialaidh gu sgapadh Biodh annlann gu taiceil Air ceapairean dumhail; Riaraichear Raiti, Stuth miaghail na bracha; Biodh breisleach a dheataich An claigeann gach cuirteir; Innsidh mi sgeula— Cha bhreugan gun ghrunnd e— Deanaibh rium eisdeachd, Tha reusan ga ’ghiulan A mhuinntir na feile, Gun cheasad, gun eiginn, A dhiolas a’ bhannag Do’n fhear thig ga h-ionnsaidh A chumas le abhachd Oidhch’ aidh na bliadhn’-uire, Bidh cridhealas cairdeil A’s fallaineachd nadair, A’s piseach gu brath, Air an alach gun chunntas Lionmhor mar rainich, An stoc air gach baile, Sliochd buan mar an darach Bhios fallain le ’rusg; Sonas a’s mathas, Na ’n comhal ’s gach rathad; ’S biodh duilean an athair Ag gabhail dhiubh cunntais. AN CRUN-LUATH Le foighidinn bhig fhathast Bheir mi naidheachd dhut bha’n chrunluath Gu h-aithghearra mu’n aitim sin A chleachd a bhi cho gnutha, Leis ’m bu mhiann gu’n spadadh iad An eanchainn as do chlaigeann, Na gu’n riaraicheadh iad dad ort De’n phailteas tha ’s na cuiltean, Ged bhiodh gob geur an acrais Am farsuinneachd do ghruthain, ’S do mhionach beag ga chagnadh Le bhi d’ thrasgadh fad a dh-uine A mhuinntir sin, cha ’n aithne dhuibh Na bhuineas do bhi ceanalta, Gun eireachdas gun aithne Ach ant shabaid a’s don-ionnsaidh Cha chluinneadh tu dol seachad orr’ Ach toirm na sige-chaige, Brisdeadh chuigeal mu na claignean Agus cnapadach nan rudan, ’N uair thriallas iad bho ’n bhaile Cha bhi breamas anns gach duthaich, Nach sin orra ga’m far-fhuadach Thar thalamh tha dhiubh diumbach, Bidh driodfhortan na dunach orr’ A’ h-uile taobh a chuirear iad. An glumagan ’s an rumaichean Gu’n tumar iad gu’n suilean. Na logaidean ’s na bodaich Bhios ag cogadh ris a’ mhuinntir, Gach tachran agus glaistig A ni tatraich anns an oidhche, Bidh iorraghiullaich, a’s famhairean A’s uamh-bheistean, ag comhartaich, Gach uraisg agus omharlair A’s amharra mi raoiceil. Thig siod orra gu ladarna Ga ’n slaodadh as na lapaichean. Gu’n eaglachadh gu bagarrach Le slachdraich a bhios oillteil. A nise bho’n a dh’ aithris mi Na rannan mara b’ eol domh, Air m’ fhallainn gur h-e ’n ceanal dhut Mo bhannag chur air doigh dhomh; Gu’n bhuannaich mi gu deimhinn ort An turasdal a ghealladh leat— Gloin fhuair de stuth na mearaichinn A baraille na Toiseachd. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 97] [Vol. 8. No. 13. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 6, 1899. No. 13. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XXXIX. A RUIGHEACHD AN FHORTAIN. An uair a leig sinn ar n-anail gu math, shuidhich sinn gu’n gabhamaid air ar n-aghart suas ri strath na h-aimhne feuch an tachradh aite math sabhailte ruinn anns an cuireamaid seachad an oidhche, agus ma dh’fhaoiteadh, latha no dha; oir bha fear no dithis dhinn gle fheumach air latha no dha fhaotainn de dh’fhois ’s de thamh. Agus cha bu mhisde sinn gu leir beagan taimh is fois fhaotain aig an am. Rud eile dheth, thuig sinn air cur an aite, gu’m biodh e moran na b’ fhasa dhuinn sinn fhein a chumail a sealladh ar luchd-torachd mar a b’ airde dhireamaid suas am monadh garbh, ard, troimh’n robh an amhainn a’ ruith. Choisich sinn air ar n-aghart gun chabhaig mhoir sam bith. Cha robh fios againn ciod a dh’ fhaodadh eirigh dhuine nam [?] a’ coiseachd tuilleadh is cabhagach. Bha eagal oirnn gu’m faodadh nathraichean no creutairean cronail eile ’bhith air feadh an aite. Bha sinn ’g ar faireachadh fhein fad o ar cairdean, agus dluth do ar naimhdean. Agus an uair a bhios daoine anns an t-suidheachadh so, is e an gliocas a bhith air am faicill aig gach am agus anns gach aite. Choisich sinn astar math mu’n do thachair aite ruinn anns an cuireamaid seachad an oidhche. Ach greis mu’n do thuit an oidhche, an uair a bha sinn a’ fas gu math sgith agus acrach, thainig sinn a dh’ ionnsuidh amhainn bheag, a bha ruith do ’n amhainn mhoir a bha sinn a leantuinn. Agus aig bun na h-aimhne bige so, fhuair sinn aite cho math ’s a dh’ iarramaid gus an oidhche, agus nan togramaid, iomadh latha ’s oidhche ’chur seachad ann. Ghrad shuidhich sinn gu’m fanamaid ann fad latha no dha air a chuid bu ghiorra. Chaidh againn air a dha no tri de dh’ eoin a mharbhadh. Cha robh sin doirbh dhuinn a dheanamh; oir bha na h-eoin anabarrach ciallach. Cha chreid mi gu’m fac’ iad duine riamh roimhe. Is gann gu’n cuireadh fuaim na h-urachrach dragh sam bith orra. Thuig sinn uaithe so gu’n robh an t-aite anns an robh sinn anabarrach iomallach; agus o’n a bha chuis coltach nach robh daoine ga thathaich, bha ar n-inntinnean gu mor aig fois. A chum gu’m faigheamaid uile comas air a dhol a laidhe, rinn sinn cro mhath, ard, le clachan agus le cabair a ghearr sinn, air beulaobh na creige fo robh sinn gus cadal. Cha robh dad a dh’ eagal oirnn gu’n tigeadh torachd oirnn o na daoine roimh ’n robh sinn a’ teicheadh; ach bha eagal oirnn gu ’m faodadh feadhain dhe na nathraichean a chunnaic sinn a bhith faisge oirnn, ged a bha sinn gu math ard air gualann a’ mhonaidh. Agus gus a bhith cinnteach nach cuireadh iad dragh oirnn, dh’ fhadaidh sinn teine an taobh am muigh dhe ’n chrothadh. Chaidil sinn gu trom gus an robh an latha geal ann. Agus an uair a dh’ eirich sinn ’s a ghabh sinn ar biadh, bha sinn gle urail, agus cho sunndach ’s ged a bhiomaid aig ar taighean fhein. Is docha gu’n saoil daoine gu ’m bu ghnothach gle mhi-choltach, agus gle mhi-nadarra dhuinn a bhith urail, sunndach ’na leithid sid a dh’ aite. Ach an uair a dh’innseas mise dhaibh mar a chuir am freasdal fortan mor nar rathad, cha bhi dad a dh’ioghnadh orra gu’n robh sinn cho sunndach, agus cho toilichte ’s a bha sinn. An oidhche roimhe sid, an uair a bha sinn a’ deanamh na crothadh gus na nathraichean a chumail uainn, b’ fheudar dhuinn clachan a thoirt a bruaich na h-aimhne, agus mar an ceudna, a iomall sruth na h-aimhne. Mar so ghluais sinn rud dhe’n talamh a bha air bruaich na h-aimhne, agus dhe’n mhoraghan a bh’ann an iomall na h-aimhne. Thachair aig a’ cheart am gu’n d’ thug am fear a bhiodh a’ deasachadh a’ bhidh uisge as an amhainn beagan an taobh shios dhe’n aite anns an robh sinn a’ cladhach nan clach. Bha eagal air gu ’m faodadh am pathadh ar bualadh feadh na h-oidhche; agus bha fhios aige nach biodh a h-aon dhinn gle dheonach eirigh as a leabaidh gus a dhol a dh’ iarraidh uisge do’n amhainn. O’n a bha’n oidhche air tuiteam cha d’ thug e an aire gu’n robh an t-uisge troimh a cheile leis an uir ’s leis a’ ghreabhal a bh’ann am bruaich na h-aimhne. Anns a’ mhadainn an uair a dh’ eirich sinn, agus a thoisicheadh ri deasachadh a bhidh, thugadh an aire gu’n robh graineanan beaga dhe ’n or air mas an t-soithich anns an robh an t-uisge. An uair a dh’ aithnich Tomas is Balso, agus fear no dithis eile, gur e an t-or a bh’ ann, thainig aoidh air gnuis a h-uile mac mathar dhinn. Thuirt Tomas, “Fheara, chuir am freasdal math fortan mor ’nar rathad. Cha ruig sinn a leas a dhol na’s fhaide a dh’ iarraidh an oir. Tha ’m pailteas dheth, ma dh’ fhaoiteadh, fo ’r casan. An uair a bha uiread sid dheth ann an lan an t-soithich a dh’ uisge, faodaidh sibh a bhith cinteach gu’m bheil e pailt gu leor anns an fhearann troimh am bheil an amhainn a’ ruith. Nan robh doigh againn air an uir a nigheadh as an or, cha bhiomaid fada deanamh ar fortain.” “Nighidh sinn an t-or gun teagamh ged a dheanamaid criathair dhe ar leintean,” arsa Balso. Ged a bhiodh cuimhne agam air gach comhradh a bha eadrainn an lath’ ud—rud nach ’eil—cha bhiodh aobhar dhomh aithris an so. Foghnaidh dhomh a radh gu’n robh sinn uile cho fior thoilichte anns an am ’s gur gann a rachadh againn air greim [?] bhiadh a ghabhail. Bha sinn uile anabarrach toileach greim fhaotainn air an or. Bha chomhairle fhein a’ cinntinn ann an ceann gach fir; agus mar a bha nadarra gu leor, bha h-uile fear dhinn an duil gur i a chomhairle fhein comhairle a b’ fhearr a b’ urrainn a bhith. Ach thuirt Tomas ruinn nach deanadh e feum dhuinn a bhith ann an ioma-chomhairle. “Feumaidh sibh mo chomhairle-sa ghabhail,” ars esan. “Mur bi sinn aontach cha teid gnothaichean leinn cho math ’s is miann leinn. O’n a thachair an t-or ruinn ann an so, ni sinn roinn mhic is athar air na gheibh sinn, biodh e beag no mor. Cuimhnichibh, fheara,” ars’ esan, ’s e ’g amharc air an t-siathnar sheirbhiseach, “nach do gheall sinn duibhse ach deadh thuarasdal seachdain, agus an deicheamh earrann dhe na gheibheamaid de ’n or; ach o nach bi againn ri airgiod a phaigheadh air son fearainn, tha mi deonach an t-or a gheibh sinn a roinn gu cothromach eadrainn gu leir. Ach cha roinn sinn e gus an ruig sinn an t-aite as an d’ fhalbh sinn. O’n a dh’ fheumar an t-or a roinn gu cothromach eadrainn, feumaidh gach cunnart a thachras ruinn a bhith air a roinn a cheart cho cothromach eadrainn.” An uair a chuala a sheirbhisich so, bha iad anabarrach toilichte, agus thuirt iad a beul a cheile, nach b’ urrainn iad ceartas na b’ fhearr na sid iarraidh. Thuig Tomas gle mhath gu’m b’e ar gliocas an tairgse mhath ud a thoirt do na seirbhisich. Bha iad aig an am air toiseachadh ri fas suarach mu gach ni a bhuineadh dhuinn. Ged nach do mhothaich mise agus mo chompanach eile dha so, mhothaich Tomas dha. Agus thuig e gu’m b’e ar gliocas na seirbhisich a chumail air ar laimh. Thuig e mar an ceudna, gu ’m biodh iad moran na bu dichiollaich an uair a gheibheadh iad an tairgse so. Bha rud eile ann nach d’ thug sinne fa near ged a thug esan fa near e, agus b’e sin, gu’m biodh na seirbhisich na bu riaraichte leis gach uidil is allaban is sgios is fuachd is acras a thigeadh ’nan rathad, an uair a chuirteadh iad anns an aon inbhe ruinn fhein nar triuir na bhiodh iad air a chaochladh de dhoigh. Thoisich sinn ri cladhach an iomall na h-aimhne, agus ri nigheadh a’ ghreabhail ’s na h-urach, agus mu’n d’ thainig beul na n-oidhche bha faisge air unnsa de’n or againn. Thug sinn a dha no tri de laithean air an obair so. Ged a bha sinn a’ deanamh deagh phaigheadh latha, cha robh sinn gle riaraichte leis. Chuir sinn romhainn gu’n direamaid suas ri bruaich na h-aimhne, agus gu’m feuchamaid an drasta ’sa rithist ri rud dhe’n ghrabhal ’s dhe’n uir a nigheadh, gun fhios nach tachradh aite ruinn anns am biodh an t-or na bu phailte na bha e far an robh sinn. A’ cheud latha, chaidh sinn suas astar math ri taobh na h-aimhne, agus ged a chosg sinn cuid mhath dhe ar n-uine a’ nigheadh na n-urach agus a’ ghreabhail, cha d’ rinn sinn moran na b’ fhearr na rinn sinn an latha roimhe sid. Ach thuig sinn gur ann mar a b’airde dhireamaid ris a’ bheinn bu mho a gheibheamaid de’n or. Thill sinn air ais agus sinn gle sgith, ged a bha sinn riaraichte gu leor leis an obair latha. Gu math moch an la-iar-na-mhaireach rinn sinn deas gus an imrig a dheanamh suas ri uchd na beinne a bha sinn a’ faicinn mu’r coinneamh. Cha do thachair aite freagarrach ruinn gus comhnuidh a ghabhail ann gus an deachaidh sinn suas gu math na b’ airde na chaidh sinn an latha roimhe sid. Mu dheireadh thachair aite ruinn cho math ’sa b’ urrainn dhuinn iarraidh. Aig fior bhruaich na h-aimhne bha uamha mhor, fharsuinn anns [TD 98] [Vol. 8. No. 13. p. 2] an robh moran uisge aig aon am; ach an uair a chladhaich an amhainn le neart an t-sruth, thiormaich an uamha. Bha i cho glan ’s cho seasgair ri taigh sam bith, ach taigh ainneamh; agus bha i cho farsuinn ’s gu ’m faodadh fichead fear comhnuidh a ghabhail innte. Anns an fhior cheann shuas dhi bha toll beag am mach troimh ’n mhullach aice anns an rachadh an deathach a mach. Agus an uair a dh’ fhadaidh sinn teine innte, bha ’n deathaich a’ dol am mach cho math ’s a dh’ iarramaid. Shuidhich sinn gu ’n cuireamaid an uamha so air doigh gus a bhith againn ’na taigh-comhnuidh; oir chuir sinn romhainn gu’n deanamaid ar fortan mu’n cairicheamaid as an aite ud. (Ri leantuinn.) DIASAN GAIDHEALACH—SEAN AGUS NUADH. (Air a leantuinn.) Cha b’ fhoghnadh le naimhdean a’ Ghaidheil a chuid a chreachadh agus a spuinneadh, cha b’ fhoghnadh leo ’fhearann a thoirt bhuaithe agus a thoirt do na Coigrich, cha b’ fhoghnadh leo ’fhardach a chur bun os ceann, agus e fhein ’s a theaghlach a chur ruisgte ris na monaidhean—cha b’ fhoghnadh leo oidheirp a thoirt gu glas-bheoil a chur air a chum ’s nach bruidhneadh e a chanain fhein—cha b’fhoghnadh leo feuchainn ri ’eideadh a shracadh bharr a dhroma—cha b’ fhoghnadh leo a shaorsa a thoirt bhuaithe air gach doigh, ach b’ fheudar oidheirp laidir a dheanamh a chum a dheagh ainm a spuinneadh agus a mhasladh mar an ceudna. Ach tha cuisean a nis air atharrachadh doigh; tha iad ni ’s fearr agus ni ’s cothromaiche ’n ar linn fein na bha iad anns na laithean trioblaideach a chaidh seachad. Agus ged nach d’ fhuaraich gu h-iomlan teas an naimhdeis a bhrosnachadh mar sinn ann an cridhe a’ Ghaidheil, tha tuilleadh de spiorad na sithe anns an tir, agus a dh’ aindeoin gach tuairisgeul millteach agus mealltach a chaidh charnadh air, ghiulain an Gaidheal e fein anns an am a chaidh seachad gu treibhdhireach, neo-luasganach agus seasmhach, agus mar sin choisinn e dha fein cliu agus urram. Tha Gaidheal na linn so a’ faotainn an tuilleadh cothruim, agus a’ sealbhachadh choraichean a bha aig aon am air an aicheadh dha. Anns na linntean a dh’ fhalbh cha robh suidheachadh no staid a’ Ghaidheil idir tearuinte no seasmhach, agus ann an laithean sithcheil an la diugh tha sinn ealamh iomadh uair a bhi toirt breith chearr air gniomhan ar n-athraichean. Is beag a tha fios againne air na deuchainnean, na buairidhean agus na trioblaidean troimh ’n d’ thainig ar sinnsearan anns na laithean buaireasach sin, ’nuair a bha gach ni air a dhion—cha b’ann le laghannan ceart agus cothromach mar a tha againn nis, ach leis an laimh laidir agus le faobhar a’ chlaidheimh. Choisinn ar n-athraichean dhaibh fein cliu air muir ’s air tir, agus le fuil an cridhe choisinn iad dhuinne an t-saorsa agus an tearuinteachd sin a tha sinn a’ sealbhachadh air a la ’n diugh. Is iomadh cath cruaidh agus fuilteach a chuir iad, a chum iad fein, an teaghlaichean, am fearann, agus an cuid a dhion o na spuinneadairean Tuathach, Roimheach, Greugach, agus Sasunnach. Bha na Gaidheil uair fodha agus uair air uachdar, ach riamh cha do striochd iad do chumhachd an naimhdean. Le gaisgealachd le treubhantas agus le dilseachd d’an ceannardan shaor iad iad-fein, uair an deigh uair, o chuing a’ choigrich, agus ged a dh’ fhaodadh buidheann dhiubh an sid agus an so a bhi ’cur a mach air cheile, agus a cath an aghaidh a’ cheile, gidheadh, an aghaidh an naimhid choitchionn bha iad dileas da cheile agus aontachail mar aon duine. Bha coraichean aca r’an dion, agus gu gaisgeil an aghaidh chumhachdan naimhdeil, sheas iad a suas a chum ’s nach bitheadh na coraichean sin air an toirt uapa. Faodar a radh le firinn, nach do chuir eadhon cumhachd na Roimhe—an cumhachd sin a cheannsaich ach beag an saoghal—riamh cas mar bhuadhaiche air tir a’ Ghaidheil. Riamh cha do sgaoil an Iolair Roimheach a sgiathan thar “Tir nam Beann nan Gleann ’s nan Gaisgeach.” Is math a tha fios aig an t-saoghal air ainmealachd, air morachd ’s air cliu na Roimhe ’s na Greige ann an cumhachd agus ann an eolas-ionnsachaidh; is mor an solus a thilg an da chumhachd sin air an t-saoghal, agus feumar aideachadh gu ’n robh iad ’n am meadhonan air moran maith do’n t-saoghal; ach feumar mar an ceudna ’chuimhneachadh gu’n robh meadhonan eile—meadhonan a bha air am meas gle shuarach le cuid—ag oibreachadh a chum na criche ceudna; agus bha na meadhonan sin r’am faotainn ’n ar dachaidh ’s ’n ar duthaich fein; mheasar na Gaidheil mar dhaoine borba, aineolach, le muinntir a bha aineolach air an canain, an eachdraidh agus an cleachdan. Bha e ’na thilgeadh suas air na Gaidheil gu’n d’ thug iad fuath air foghlum agus air litreachas; ach faiceamaid, ars’ an t-Aosda, co-dhiu tha firinn no ceartas air taobh na muinntir sin a bha agus a tha carnadh dimeas air a’ Ghaidheal agus air a chanain. Chuir mo charaid—an t-Aosda—ann am laimh leabhar anns an robh moran sheorsaichean sgriobhaidh—Gaidhlig, Laidinn, Greugais agus Eabhra. Leugh mi anns an leabhar sin, ann am chanain fhein, mar tha eachdraidh ag innseadh, an deigh cumhachd agus morachd na Roimhe ’s na Greige seargadh air falbh, gu ’m b’e Gaidheil na h-Eirinn ’s na h-Alba na ceud finneachan anns na Roinn Eorpa a thoisich air foghlum litreachais. Nuair a bha na Germailtich, na Lochlannaich agus treubhan eile ’nan spuinneadairean ’s nan seabhadairean a’ mort agus a’ milleadh air muir ’s air tir, bha aig Gaidheil na h-Eirinn ’s na h-Alba tighean-foghluim far an robh luchd-teagaisg ’gan deasachadh fein agus a’ teagasg mhuinntir eile ann an litreachas na Gaidhlig agus anns a’ Chreidimh Chriosduidh. Leugh mi mar tha sean sgriobhaidhean a lathair a tha toirt dearbh-chinnte dhuinn gu’m b’e Albainn agus Eirinn a chuir mach na ceud teachdairean a chum foghlum agus an criedimh Criosduidh a’ sgaoileadh a mach air feadh Shasuinn agus na Roinn Eorpa. Leugh mi, mar an ceudna, mar bha cumhachd mor na Roimhe, le’n armailtean lionmhor, ’s le ’n ceannardan treuna a’ ceannsachadh agus a’ toirt leir-sgrios air na duthchan troimh ’n robh iad a’ siubhal; mar thug iad a stigh an cleachdan agus an doigh riaghlaidh fein; mar thug iad ionnsuidh an deigh ionnsuidh air na Finneachan Gaidhealach; mar bha ’n t-arm Roimheach a rithist agus a rithist air a sgapadh ’s air a bhristeadh a suas mar chathadh-mar’ air creagan dealgach a’ chladaich. Leugh mi mu sheoltachd, mu ealantachd, mu ghliocas, mu eolas-litireachail nan Greugach; mu reachdan ’us mu chleachdan an da chumhachd mhoir sin a bha mar sholus agus mar aobhar-eagail do’n t-saoghal. An deigh dhomh duilleag no dha a leughadh, dh’ iarr mi air an Aosda beagan soilleireachaidh a thoirt dhomh mu’n ni a leugh mi. Fhreagair e air a’ mhodh so:—“Ainmeil ’s mar bha’n Roimh agus a’ Ghreige ann an treubhantas airm, ann am foghlum agus ann an eolas de gach seorsa, thainig morachd nan Cumhachdan sin gu crich—le ’n uabhar ’s le ’m feinealachd fhein thuit iad gu lar, agus cha ’n ’eil a nis a lathair ach bloighdean an sid agus an so mar chuimhneachain air am morachd. Mu leth-chiad bliadhna roimh theachd Chriosda, thug an Roimheach a’ cheud ionnsuidh air Breatunn. “Re corr ’us ceithear chiad bliadhna ghleidh e a chumhachd ’s an eilean sin—a’ toirt a steach am measg an t-sluaigh Bhreatunnaich a chanain, a laghannan, a riaghailtean agus a chleachdan; ach eadar an ceathramh ’s an coigeamh ciad bliadhna, thainig atharrachadh mor air cumhachd na Roimhe; chunnaic i airde a morachd agus a nis tha i dol gu luath le leathad.” “Cuir,” ars an t-Aosda, “do shuil ris a ghloinne so aon uair eile agus innis dhomh ciod a tha thu faicinn.” Air dhomh an gloinne fada caol a chur ri m’ shuil chunnaic mi meall thall ’s a bhos de gach seorsa inneil-cogaidh. Briste nam bloighdean bha claidheamh ’us lann, clogad ’us sgiath,—“sin,” ars an t-Aosda, “na tha lathair an diugh de chumhachd airm na Roimhe—sin laraichean mor-chumhachd na Roimhe anns an Airde ’n Iar.” “Ach, ciod an comh-cheangal a tha eadar sin agus na Gaidheil?” dh’ fheoraich mi. Fhreagair e mar so, “Le tuiteam cumhachdan na Roimhe chailleadh moran foghluim agus litireachais a bha fiachail. Aig an am sin, agus re linntean an deigh sin, bha ’n Roin-Eorpa gu mor ann an dorchadas agus an aineolas; ach air laraichean mor-rioghachd na Roimhe thoisich togailean eile ann an Airde ’n Iar na h-Eorpa ri bhi air an cur suas leis na Finneachan ‘borba,’ mar thubhairteadh riu leis na Roimhich. So agad a nis an comh-cheangal:—B’ iad Gaidheil na h-Eirinn agus na h-Alba a thilg an ceud drilsean soluis air an dorchadas agus air an aineolas leis an robh an Roinn-Eorpa air a h-iadhadh m ’an cuairt bho chrich gu crich. B’ e Eirinn agus Albainn a chuir a mach na ceud teachdairean a chum solus, foghlum agus an Creidimh Criosduidh a sgaoileadh air feadh fad agus farsuingeachd nan tir. B’ iad sin na lochrain a chaidh lasadh—cuid dhiubh an Albainn, cuid eile an Eirinn—agus ged nach robh an solus aig an am sin ach fann, cha b’ fhada gus an do bhoillsg e a mach mar ghathan dearrsach na greine a’ sgaoileadh soluis agus eolais air feadh na tire, agus a’ sgapadh air falbh aineolais agus dorchadais a cridheachan dhaoine, agus ’gan lionadh le h-aoibhneas agus sith. “Tha moran de chumhachd agus de mhorachd Bhreatuinn-an-la’n-diugh ag eiridh o oibrean nan teachdairean sin. Chaidh eaglaisean agus tighean-foghluim a chuir suas an da chuid ’an Albainn ’s an Eirinn, agus teachdairean a chuir a mach a theagasg an sluaigh. Cha’n eil againn ach sealltuinn m’ an cuairt agus chi sinn gniomhan an lamh, agus toradh an saothair. Gheibh sinn Calum Cille ann an eilean I. Paruig agus Kentigern air cladach Chluaidh; Ninian an taobh mu dheas na h-Alba; Breanainn an Arainn, agus moran eile de na teachdairean naomha sin a thog suas bratach na firinn ’nar duthaich fein, agus as a sin gu duthchan éile. Co a their, mata, ach an t-aineolach, nach robh litireachas agus foghluim am measg nan Gaidheal o shean? “Gu cinnteach chailleadh agus mhilleadh moran sgriobhaidhean ri linn nan daoine tuatha a bhi bristeadh a stigh air criochan a Ghaidheil, agus ’s e ’n t-iongantas gu ’n robh litireachas a’ Ghaidheil idir cho pailt, chionn bha uine air a toirt suas, o am gu h-am, ann a bhi ’dion a dhuthcha bho lamh laidir nan coigreach. Tha sgriobhaidhean a lathair gus an la ’n diugh [TD 99] [Vol. 8. No. 13. p. 3] a tha toirt dearbhaidh dhuinn gu’n robh litireachas aig na Gaidheil, agus nach robh iad idir cho aineolach, no cho borb ’s a bu mhath le moran a dheanamh a mach. Bliadhna an deigh bliadhna tha leabhraichean Gaidhlig a’ dol an lionmhorachd, agus an diugh tha’n Gaidheal a’ sealbhachadh ann an tomhas mor beannachdan, sochairean, agus suidheachadh a bha air an aicheadh d’ a shinnsearan. Ann a bhi ’g amharc air litireachas na Gaidhealtachd aig an am so, faodar a bhi smaointeachadh gu’m bheil i aig a h-airde—nach ’eil moran tuillidh r’a sgriobhadh na chaidh cheana ’chuir am folais, ach cha ’n ann mar sin idir a tha ’chuis. Tha moran sgriobhaidhean luachmhor ’n an laidhe air feadh na duthcha an sin agus an so, a liathadh le h-aois, nach deachaidh fhathasd a chlo-bhualadh. Nach mor am beud gu ’m bheil ionmhas litireachaidh a thilgeadh an tuilleadh soluis air eachdraidh agus cleachdan ar duthcha ’n an laidhe suas gun fheum o linn gu linn, agus ma dh’ fhaoidte air am milleadh ’s air an itheadh leis na leomain. Ann a bhi ’g amharc air litireachas na Gaidhealtachd chithear cho bheag ’s a tha ’litreachas rosgach an coimeas ri bardachd. Tha so a’ leigeil ris gu ’n robh, o na linntean o shean, bunabhas na bardachd cumhachdach agus saoibhir anns a’ Ghaidheal. Tha e ’na ni taitneach do’n Ghaidheal gu bheil daoine foghluimte an taobh a mach de ’n Ghaidhealtachd, cho mhath ri daoine foghluimte ar duthcha fein, ag innseadh gu’m bheil Canain agus Litireachas a’ Ghaidheil fiachail agus lan airidh air aite urramach fhaotuinn am measg chanainean eile, agus gur e ’m bunabhas Gaidhealach a tha r’ a fhaotainn anns a’ Bheurla Shasunnaich a tha, gu sonruichte, ’toirt moram cumhachd agus beothalachd do ’n chanain sin. Bu mhath a thigeadh e do na Gaidheil, agus bu ghlic a dheanadh iad na’n leigeadh iad dhiubh gu brath bhi ’g agairt air son na Gaidhlig suidheachadh nach urrainnear a dhearbhadh gu ’n do shealbhaich i riamh—gur i mathair-aobhar gach canain eile. Bitheadh iad toilichte leis a so—gu’m bheil gach cunntas agus ughdarras a’s airidh an creidsinn a’ dearbhadh gu’m bheil a’ Ghaidhlig aosda agus fiachail; gur i a’s sine de chanainean labhrach na h-Eorpa, agus gu’m bheil i an diugh beo, slan, nuair a tha a comh-aoisean—a’ Ghreugais—an Eabhra agus an Laidinn—marbh gun deo. Ann a bhi beachdachadh air Canain agus Litireachas a dhuthcha, rannsaicheadh an Gaidheal iad a mach ann an solus eolais, fiosrachaidh agus tuigse, agus cha’n ann le boilich agus le h-amaideachd ag agairt dha fein ’s da chanain nithean a tha fada os ceann a chomais a dhearbhadh. Tha aon cheist chudthromach a tha ’n drasd agus a rithist ag eiridh a suas ann an inntinn a’ Ghaidheil anns na laithean so—“Am bheil bas na Gaidhlig a’ tarruing dluth?” Cha ’n eil comharran na h-aimsir a’ nochdadh gu’m bheil. Gu cinnteach tha moran nithean a cath an aghaidh na Gaidhlige agus thatar fiosrach gu’m bheil cuid de dh’ aitean air feadh na Gaidhealtachd a tha ’g aomadh air falbh o’n ceud ghradh, agus a gabhail a stigh Beurla an t-Sasunnaich. Bu mhath gu’m bitheadh gach Gaidheal cho fileanta ’am Beurla ’s an Gaidhlig ach na h-aointaicheadh iad am feasd leis a mhuinntir sin a tha ’n impis am peircill a sgoltadh le bhi bruidhinn mosaireachd de Ghaidhlig air a truailleadh le Beurla. Cha’n ’eil suidheachadh coitchionn na Gaidhlig ri bhi air a mheas leis na beagan aitean sin a tha ’g aomadh air falbh uaipe. Le bhi ’beachdachadh air suidheachadh na Gaidhlige aig an am so, tha fiosrachadh againn gu’m bheil i a’ togail a cinn, agus ag ath-urachadh a h-oige. Tha claise litreachais Ghaidhlige na’s doimhne agus na ’s farsuinge na bha i riamh, agus tha an sruth Gaidhlig a’ meudachadh bliadhna an deigh bliadhna. Gleidheadh na Gaidheil gu curamach an dileab luachmhor a’ thugadh dhaibh le an sinnsearan—bitheadh iad dileas d’ an canain, dileas d’an duthaich agus dileas dhaibh fhein, agus mar sin sinear gu mor la agus linn an canain; ach bitheadh iad dearmadach air an dleasdanas anns a’ mhodh sin, agus tha iad a toirt mi-chliu air cuimhne na muinntir a chaidh rompa, agus a toirt di-meis air an duthaich agus orra fein. (A’ chrioch.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XIII. Chaidh an caillteanach a steach do ’n t-seomar anns an robh nighean an righ, agus thuirt e, “A bhaintighearna, so agaibh litir, agus is e am fear a chur do ’r n-ionnsuidh i an aon reuladair a’s dalama, a reir mo bharail-sa, a chunnacas riamh. Tha e air ur-thighinn do’n bhaile. Agus tha e ag radh gu’m bi sibh air bhur leigheas an uair a leugheas sibh an litir, agus a chi sibh an rud a tha ’na broinn. B’ fhearr gu’m b’ fhior na tha e ag radh,” Rug nighean an righ air an litir as a laimh, agus dh’ fhosgail i i air a socair fhein gun mhoran suim sam bith a chur innte. Ach an uair a chunnaic i am fainne, cha robh de dh’ fhoighdin aice na leughadh an litir gu leir. Ghrad dh’ eirich i le cabhaig, agus bhrist i na ceanglaich leis an robh i air a cumail ann an geamhail, agus an uair a ruith i thun an doruis, dh’ fhosgail i e. Dh’ aithnich i am prionnsa cho luath ’s a chunnaic i e, agus dh’ aithnich esan ise. Ghrad rug iad air a cheile, agus leis an aoibhneas a bha orra, cha b’ urrainn daibh aon fhacal a radh. Bheachdaich iad greis mhor air a cheile, agus ioghnadh orra cia mar a thachair dhaibh coinneachadh ri cheile aon uair eile. Ruith a’ bhanaltrum gu dorus an t-seomair as deigh na bana-phrionnsa, agus thug i orra le cheile a dhol a steach do ’n t-seomar. Thug a’ bhana-phrionnsa Badoura am fainne aice fhein air ais do phrionns’ Alsaman, agus thuirt i, “Cum agad fhein e. Cha ’n urrainn dhomhsa a chumail agam fhein gun d’ fhainne fhein a thoirt dhutsa air ais; agus sin rud nach dean mi ri mo bheo.” Gun dail sam bith chaidh an caillteanach far an robh righ Shina a dh’ innseadh dha mar a thachair. “Le ’r cead, a righ,” ars’ esan, “cha robh anns na reuladairean agus anns na lighichean a thainig roimhe so a leigheas bhur nighinn ach dearg amadain an coimeas ris an fhear so a thainig mu dheireadh. Cha do ghnathaich e a h-aon dhe na doighean ’s dhe na gisreagan ’s dhe na cleasan-draoidheachd a ghnathaich iadsan. Leighis e i gun a faicinn.” An sin dh’ innis e do ’n righ a h-uile car mar a thachair. Thug an naigheachd toileachadh mor do’n righ, agus gun dail sam bith chaidh e do’n t-seomar anns an robh a nighean, agus rug e oirre ’na ghairdeanan. Na dheigh sin rug e air Alsaman ’na ghairdeanan mar an ceudna. Rug e air lamh a phrionnsa, agus chuir e ann an lamh a nighinn i, agus thuirt e, “A choigrich shona, ge b’ e air bith co thu, tha mise ’cumail ri m’ fhacal, agus tha mi ’toirt mo nighean dhut ri posadh. Ach, o ’n a choltas a tha ort, cha’n ’eil e an comas dhomhsa chreidsinn gur e reuladair a tha annad mar a tha thu ’g radh.” Thug Alsaman, mar chomharradh air a thaingealachd, urram dligheach do’n righ, agus thuirt e ris, “A thaobh co mi, feumaidh mi aideachadh nach e reuladair a th’ annam idir, mar is math a dh’ aithnich sibh fein. Chuir mi umam trusgan reuladair a chum gu’m biodh e na b’ fhasa dhomh deadhghean an righ a’s airde agus a’s cumhachdaiche a tha air an t-saoghal gu leir a chosnadh. Is mac righ mi. Is e m’ ainm Alsaman. Is e ainm m’ athar Schasman, righ nan eileanan ris an canar, Eileanan Chloinn Chaladain.” ’N a dheigh sin dh ’innis e dha eachdraidh a bheatha, agus mar a thachair dha gu h-iongantach tuiteam ann an gaol; agus gu’n robh an doigh anns an do thuit a nighean fhein ann an gaol a cheart cho iongantach; agus gu ’n robh mar a dh’ iomlaidich iad na fainneachan ’na dhearbhadh gu leor dhaibh gu’m fac’ iad a cheile roimhe. An uair a chuir am prionnsa crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt an righ ris, “Tha ’n eachdraidh so cho neo-chumanta ’s gu’m bu choir i bhith air a h-aithris do gach linn a thig ’nar deigh. Bheir mise an aire mhath gu ’n tachair so. An uair a theid a sgriobhadh sios gu curamach, agus a chuirear a’ cheud sgriobhadh anns an leabhar-lann agamsa, bheir mi fa near gu’m bi i air a h-aithris air feadh na rioghachd gu leir. Rinneadh am posadh an lath’ ud fhein, agus bha gairdeachas am measg an t-sluaigh o cheann gu ceann de rioghachd Shina. Cha d’ rinneadh dichuimhn’ air Marsabhan ’s air an fheum a rinn e an uair a leighis e araon prionns’ Alsaman agus a’ bhana-phrionnsa Badoura. Thug an righ dha dreuchd ard agus urramach anns an luchairt, agus gheall e gu’n cuireadh e ann an suidheachadh gu math na b’ airde e ri uine. Bha Alsaman agus Badoura a’ mealtuinn sonais agus solais gu an toil. Agus leis cho fior thoilichte ’s a bha an righ a chionn gu do thachair gach ni air a’ cheann mu dheireadh a reir a mhiann, chum e cuirm agus greadhnachas na bainnse a’ dol air aghart fad caochladh mhiosan. Ann am meadhain gach solais agus taitneis a bha Alsaman a’ sealbhachadh, bhruadair e air oidhche araidh, gu ’m fac’ e ’athair ’na laidhe air leabaidh a bhais, agus e anns na mionaidean deireannach, agus gu’n cual’ e e ag radh ris an luchd-frithealaidh—“Is e mo mhac a ghin mi; mo mhac do ’n robh gradh cho mor agam, agus a thog ’s a dh’ araich mi le mor-mhiadh, ach a threig mi; is esan is aobhar gu ’m bheil mi nis a’ dol a dh’ ionnsuidh a’ bhais.” Ghrad dhuisg e, agus leis an osnaich a bh’ air, dhuisg Badoura mar an ceudna. An uair a dh’ fheoraich i dheth ciod a bha ’cur dragh air an inntinn aige, thuirt e, “Ochan! mo cheisd, is docha gu’m bheil m’ athair a’ fagail an t-saoghail air a’ cheart mhionaid so.” An sin dh’ innis e dhi mu’n bhruadar a chunnaic e, agus an dragh a chuir e air. Bha Badoura a ghnath a’ feuchainn ris gach ni a dheanamh a shaoileadh i a bheireadh toileachadh do dh’ Alsaman, agus ged nach d’ innis i dha an ni a bha ’na beachd air eagal nach biodh e cho measail oirre ’s bu choir dha an uair a dh’ fhalbhadh iad o ’n taigh, chuir i roimpe gu’n tugadh i aohhar-toileachaidh ur dha. Chaidh i an lath’ ud fhein far an robh a h-athair, agus o ’n a thachair dha bhith ’na onar anns an t-seomar, thug i pog dh’a laimh, agus thuirt i ris: “Le ’r cead, a righ, tha fabhar agam ri iarraidh oirbh, agus tha mi ’n dochas nach diult sibh dhomh e. Ach air eagal gu’n saoil sibh gur ann air (Air a leantuinn air taobh 102.) [TD 100] [Vol. 8. No. 13. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OCTOBER 6, 1899. COMUNN GAIDHEALACH NEW ZEALAND. An 18mh Cunntas Bliadhnail. [Chuireadh an cunntas so ugainn le Mr. Domhnull Rothach, a Reynoldstown. Tha e toirt toileachadh mor dhuinn a chlo-bhualadh; oir tha e nochdadh gu bheil na Gaidheil gle bheo anns an duthaich fhad as sin, agus a cumail suas an canain mar bu choir do na Gaidheil anns gach cearna bhi deanamh. Gu ma fada beo a Ghailig, agus na Gaidheil ann an New Zealand.] Ann an cuir m’ar coinneamh an t-ochdamh cunntas deug bliadhnail aig Comunn Gaidhealach New Zealand tha e na chuis thoileachaidh da’r cuideachd riaghlaidh a thoirt fanear gu bheil an comunn a dol air aghaidh gu reidh socrach gun lughdachadh sam bith air a bheothalachd no air uisealachd. COINNEAMHAN. Bha an Comh-chruinneachadh bliadhnail leis an do thoisich obair na bliadhna air a chumail an Talla na Tuathanachd (Agricultural Hall)—an Talla as mo ’sa bhaile, agus bha gach soirbheachadh air mar chomhlachadh Ghaidheal agus an cairdean o gach cearn do Otago. Bha na coinneachan miosail air an gleidheadh gu gnathaichte le comhlain lionmhor an Talla a Chomuinn, Sraid Stiubhart, agus bha an fhearras-chuideachd a bha air ullachadh a thaobh ard-bhuaidhean inntinn agus eireachdais gach ni a bha air iarruidh. Aig na coinneachan sin bha seinn oran agus ceol innealan, dannsaidhean Gaidhealach, oraidean air puincean anns am bheil tlachd aig Gaidheil agus conaltradh caoimhneil, cairdeil, ni a tha gu sonruichte san amharc aig a chomunn a chuir air aghaidh. ’Siad cuid do na nithe airidh air aire shonruichte a bha air an leigeadh fhaicinn aig na coinneachan sin airson soilleireachadh air na h-oraidean a bha air an toirt seachad, Leabhar eachdraidh le dealbh fearainn a leigeadh fhaicinn aite a chan tuineachaidh nam Fineachan Gaidhealach—tiodhlac o Uilleam Reid, run-chleireach a chomuinnn Chaladoineach; dealbh-greine na ban-Thighearna Liusaidh Nic Dhomhnuill Ghlinnegarra an t-aon mu dheireadh as maireann do fhior fhreumh Mhic ’ic Alastair; dealbh greine carragh Ghlinne-garra sa chladh a deas an Dunedin; dealbh-greine, air a meudachadh, carn-cuimhne Mhr Graham (tiodhlac o chomunn Gaidhealach Hawkes Bay); clar itheannaich an Gaidhlig air cuirm comunn nan Lighichean an Duneidean, tiodhlac o Mhr Mac an Leathain; litir air sgriobhadh le laimh Diuc Wellington, agus cuimhneachan air mort Ghlinnecomhan, se sin, cuine Breatannach oir don bhliadhna 1690 do luach £5, cuid don air giod a bha air a thoirt mar thuarasdal do na saighdeirean aig an robh lamh sa mhort (le cheile air an leigeadh fhaicinn le Mr J. F. M. Friseal.) Bha duin’ air an deanamh leo fhein air am faotainn o Mhr. Dughal Mac Fhearguis agus o Mhr Anndra Kinros. Thug Mr Kinross cuideachd mar thiodhlac leabhar eachdraidh sgriobhta leis fein agus obair bhardachd. Buinidh taing do na baird sin airson an tiodhlaca luachmhor. Bha soirbheachadh ro-shonrichte air coinneamh na bliadhn’ uire aig an robh an t-Urramach Iain Mac Coinnich na fhear cathrach. Bha an t-airgiod a bha air a thional air son cuideachadh do Ghaidheil easlainnteach, agus uime sin bha e ’na aobhar toileachaidh d’ar comunn riaghlaidh a bhi comasach air an lan shuim a shineadh thairis don fhear a fhuair e gun nith a chumail air ais. Bha iad comasach air so a dheanamh tre fhiughantachd nam mnathan uasal agus nan daoin uasal a thug an cuideachadh gu toileach aig an fheisd chiuil, agus a chuideachd a rinn an clo-bhualadh a nasgaidh. COMUINN CO-GHNEITHEACH. Bha daimhealachdan cairdeil air an cumail a suas gu ro-mhath ri comuinn eile do’n aon ghne. Bha teachdairean o chomunn Gaidhealach Hawkes Bay, Invercargill, Hakateramea, agus o chomhlan Burns, agus on chomunn Eirionnach, agus Chaladoineach a lathair aig ar cruinneachadh bliadhnail, agus dhath-dhiol teachdairean o’n chomunn Ghaidhealach an cairdeas a bha mar so air a nochdadh. Bha e mar an ceudna na aobhar toileachaidh d’ ar comunn riaghlaidh, riaghailtean ar comuinn a chuir air aghaidh gu daoine uaisle ann an Wellington aig am bheil san amharc comunn a chur a suas air rud eiginn d’ an aon bhonn ruinne, agus tha dochas againn gum bi comunn buadhar d’an aon seorsa, an uine gun bhi fada air a chuir suas sa bhaile sin. A CHANAIN GHAIDHLIG, LITREACAAS AGUS CEOL. Am feadh nach urrainn e bhi air a radh gun tug seann bhuill a chomuinn a suas an uine agus an aire d’an chuid so do obair a chomuinn air a bheil i airidh, tha e air an laimh eile na chomhara a tha toirt duinn misnich, gun do thoisich aireamh shonruichte do muinntir og a rugadh san duthaich so,—cloinn Ghaidheal ri ionnsachadh na cainean Ghaidhlig. Buinidh cliu an urachaidh so, ann an cuid, do obair na coisir-chiuil a rinn do-sheachainte e gun tuigeadh iad na smaointean a tha air am filleadh a stigh anns na h-orain leis am bheil aire na coisir chiuil air a toirt a suas. Bha aireamh do obhraichean oran Gaidhlig air am faotainn air son feum na coisir-chiuil; bha iad sin air an taghadh le Mr. Mac Fhearguis ceannard coisir chiuil eaglais Challum-Chille Glascho d’am buin taing air son an dragh a ghabh e sa chuis. Tha na leabhraichean sin comhla ris a Mhiosail Ghaidhealach (Celtic Monthly), am “Mac-Talla” agus an drasd sa rithis leughadh don Irish Celtic Magazine, leabhar-lann mor do leabhraichean Gaidlig daonan fosgailte, agus an t-shochair a bhi ’g eisdeachd searmoin Ghaidhlig gach mios a fagail Gaidheil Dhunedin gun leisgeul ma ni iad dearmad air an canain, an litreachas no air an ceol. PEARSANTA. Mar a tha fios agaibh uile b’ eigin don Urramach Iain Mac Coinnich, Ceannard a chomuinn, sgriob a ghabhail do thir a dhuthchais air son math a shlainte. Cha b’ urrainn an doigh gun choimeas air an do nochd sluagh na dhuthcha so an deadh run da nuair a bha e falbh gun a bhith na aobhar toil inntinn don chomunn so, agus beagan mun d’ fhalbh e chuir buill a chomuinn seachad oidhche chridheil shundach na chuideachd agus ghabh iad an cothrom air aireamh do chomharaichean beag air a mheas a tha aca air thoirt dha, ’s iad sin, bata do fhiodh New Zealaud air a dheanamh sgiamhach le or dealbh-greine mor air a chlaradh do luchdd dreucha chomuinn (Mr. Mac Coinnich fein nam measg), leabhar mor dealbhan-greine comuinn Ghaidhealach New-Zealand fa leith, agus dealbhan suimeil eile. Mar an ceudna thug iad da cheile posda (Mrs MacKenzie) braisd do chloich uaine New Zealaad air a dheanamh sgiamhach le or. Tha e ma aobhar taingealachd fios fhaotainn a Lunnainn gum bi ar Ceannard, a reir na h-uile coltais, air ais gu shlainte ghnathuichte. Thug e mar an ceudna mor thoilinntinn do’r cuideachd riaghlaidh gun robh Mr. Mac Coinnich (Gaidheal) air a chuidheachadh mar fhear oilean air a chanain Bheurla agus Litreachas ann an oiltigh Victoria Wellington, agus chan eil nis lugha do thoileachadh orra air son an t-ardachadh a fhuair Sir Robert Stout, seann bhall don chomunn, gus an inbhe as airde measg luchd lagh anns an duthaich so, se sin, a bhi na ard fhear ceartais (Chief Justice) O chionn ghoirid thill Mr. D. Mac alla, ball agus fear dreuchd sa chomunn gu dhachaidh dhuthchasaich sa Ghaidhealtachd, agus beagan mun d’fhalhh e, thugadh dha bata craobh fheoir (grass tree) New Zealand air a dheanamh sgiamhach le or, le deadh ruin a chomuinn; agus thug iad do Mhiss Sine Chamshron, te cho math do luchd seinn orain Ghaidhlig sa bh’ aca tiodhlac freagarrach air a son nuair a bha i dol a phosadh. FIUGHANTACHD AGUS CUNNTAS. Se an t-iomlan a bha air a chaitheadh ann an carthannas re na bliadhna £25, a fagail an laimh £44. BAIS. Tha aobhar mulaid aig ar cuideachd riaghlaidh air son bais aireamh shonruichte do dhaoine math anns a bhliadhna chaidh seachad, a bha aon chuid nam buill fheumail do’n chomunn, no a rinn iad fein cho gradhach do na buill ann an tomhas co mor agus gun robh an call air fhaireachdainn gu goirt. Bha dlu-cheangal aig an Urramach Iain Mac Phail, M. A. a chaochail ann an Wellington ri buill a chomuinn riamh on thainig e don duthaich so. Bha e na dhuine comh araichte air son ard-fhoghlum, agus a chum e suas a shaothair ann an litreachas gus a chrich, agus cha do dhichuimhnich e riamh an comunn Gaidhealach no na ceanglaichean a bha aige ris a chanain ghradhaich Ghaidhlig. Bha e daonan na thoileachadh mor don chomunn Mr. J.D.S. Burt fhaicinn aig gach coinneamh bhliadhnail air a sgeadachadh san eideadh Ghaidhealaich air a dheanamh riomhach le ioma Medal a choisinn e le ealantas mar dhannsair Gaidhealach. Chaochail e an deigh tinneas nach do mhair fada, agus dh’ fhag e aite falamh nach bi furasda a lionadh. Cha bu lugha am bron air son bais Mhr. C. Kirkcaldy a bha na dhuine air nach gabhadh barr toirt ann an cuir an ordugh agus a riaghailteach- (Air a lenntuinn air taobh 102.) [TD 101] [Vol. 8. No. 13. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Exhibition Halifax seachad, agus ged a bha ’n t-side cuimseach briagha, ’s gach ni a’ dol air adhart gu math, cha do phaigh na thainig a stigh de dh’ airgead a chosguis na faisg air. Tha so ’na dhroch mhisneach do mhuinntir na roinne aig am bi ris a chall a dheanamh suas. Cha b’iongantach leinn gad chuirte stad air cumail na feille so uile gu leir an ceann bliadhna na dha mun teid cuisean na’s fhearr. Bithear gu tric ag radh nach eil an lagh ach lag-lamhach anns na Staidean, agus gu faighear gu tric ceartas a chur gu dulan le neach sam bith aig am bi airgead gu leor. Ach cha’n eil sin uile gu leir fior. Tha lagh ann am baile San Francisco a bacail do dhuine smugaid a thilgeadh air urlar carbaid-sraide air am bi e gabhail aiseig; duine a gheibhear ciontach dhe sin bheirear ceithir uairean fichead priosain dha. An la roimhe chaidh fear Uilleam Bradbury a chur dh’an phriosan air son na coire sin, an deigh dha a chuis a chumail air beulaobh nan cuirtean fad da bhliadhna, a feuchainn ri faotainn as o’n pheanaist. Tha corr us fiach muillein dolair de chuid an t-saoghail so aige, ach a dh’ aindeoin sin b’fheudar dha umhlachd a thoirt d’an lagh. Tha fathunn a dol mu’n cuairt gu bheil taghadh bhall do’n ard-pharlamaid gu bhi ann air a cheud mhios dhe’n bhliadhn’ uir, ach se’s docha nach eil ann ach fathunn fhein. Cha’n eil fhios car son a bhiodh taghadh ann an uair sin, agus bliadhna gu leth de bheatha na parlamaid gun ruith. Tha earbs’ againn nach deanadh a phairtidh aig am bheil an riaghladh nan lamhan an taghadh a thoirt mu’n cuairt romh ’n am air son buanachd dhaibh fein. Bu choltach gu’m biodh cul air a chur ri gnothuichean dhe’n t-seorsa sin ann an Canada gu brath. Cha’n ann air son am math fhein a bhi aca ’san amharc a tha luchd-riaghlaidh air an taghadh, ach air son iad a bhi daonnan a deanamh na shaoileas iad a bhios a chum math na duthcha. Agus cha’n eil e ro shoirbh fhaicinn ciamar a bhiodh e chum math na duthcha taghadh a bhi ann mu’n ruith na coig bliadhna a tha deanamh suas beatha na Parlamaid. Chaidh an soitheach smuide “Scotsman,” a bha air a turus a Libherpool, an Sasunn, gu Montreal, air na creagan aig eilean Change, aig beu caolas Belle Isle air an dara latha fichead de September Bha mu dha cheud gu leth de luchd-turuis oirre, agus chaidh aon duine deug dhiubh sin a bhathadh. Fhuair cach direadh gu mullach nan creag, far ’n do chuir iad seachad ceithir latha, a fulang fuachd us acras, gus an d’thainig soitheach an rathad, a thug a mhor chuid dhiubh air falbh. Cho luath ’sa bhuail an soitheach, thoisich na seoladairean ’s na teineadairean air robaigeadh an luchd-turus, ni cho maslach ’sa thachair riamh air soitheach Breatunnach. Bha iad air an glacadh cho luath ’sa rainig iad Montreal, agus cha’n eil teagamh nach bi iad air am peanaisteachadh a reir an toillteanais. B’ fhiach an “Scotsman” mu leth muillein dolair, agus tha i air a call gu buileach, comhla ris na bha de bhathar air bord aice. Sheas aireamh cheudan de’n luchd-obrach ann am meinnean Springhill a mach air an t-seachdain s’a chaidh air sailleabh mi-chordadh a dh’eirich eadar iad fein us sealbhadairean na meinne. Chaidh iad a dh’obair a rithist an ceann dha no tri lathaichean air do’n chuideachd aontachadh ris a chuis a chur air beulaobh luchd-reiteachaidh. Chaidh an eaglais Chleireach ann an Sidni Tuath a losgadh oidhche Di-haone s’a chaidh. Cha ’n eil fhios ciamar a thoisich an teine mur e wires an t-soluis a chaidh cearr ’sa dh’ fhadaidh e. Thoisich an teine mu mheadhon oidhche. Bha an eaglais ur; cha d’ rinneadh ach crioch a chur oirre toiseach an t-samhraidh, agus chosg i mu dha mhile deug dolair. Cha robh de dh’ airgead urrais oirre ach mu shia mile dolair, agus bha ’n uiread sin de dh’ ainbheach air a choithional air a son. Chaidh an tur agus aghaidh na h-eaglais a shabhaladh o’n teine, agus mar an ceudna aireamh de na h-uinneagan, a bha gle luachmhor. Thachair sgiorradh ann an so oidhche Di-haoine s’a chaidh, leis an do chaill fear Domhnull Caimbeul a mhuinntir siorrachd Phictou a bheatha. Bha e fhein us fear eile bha coiseachd air an t-sraid comhla ris, air am bualadh ’s air an leagail le each a bha teicheadh us bloighean de charbad briste ’n ceangal ris. Cha d’ rinneadh goirteachadh sam bith air an fhear eile, ach bha esan air fhagail gun chomas gluasaid, ’s b’fheudar a ghiulan air falbh dh’ ionnsuidh an taighe. Bha duil, le aire agus sgil lighichean, gu’n rachadh e na b’fhearr, ach ’s ann a bha e dol na bu mhiosa gach latha, agus feasgar Di-ciaduinn air an t-seachdain so, chaochail e. Thainig mac dha a nuas oidhche D-luain, agus bha e comhla ris gu am a bhais. Bha a chorp air a thorrt air falbh gu Pictou gu bhi air adhlacadh. Chaidh a cheud reis eadar an Shamrock ’s an Columbia a chur Di-mairt, ach leis cho aotrom ’sa bha an soirbheas cha d’ fhuair iad an cursa chriochnachadh ’s an uine bha air a thoirt dhaibh, agus mar sin cha bhi an reis so air a chunntas idir. Bha an Shamrock air toiseach air a bhirlinn eile a chuid bu mhotha dhe’n astar. Bha reis eile aca Dior-daoin, ach aig am sgriobhaidh cha chuala sinn ciamar a chaidh dhaibh. Cha toirear an duais seachad gus am buinig aon de na birlinnean tri reisean. Buinidh an Shamrock do Shir Tomas Lipton, uasal Eirionnach, agus ma gheibh i buaidh anns na reisean so, tha e dol a thoirt peinsean do gach aon dhe’n sgioba, coig dolair ’san t-seachdain fhad ’s beo iad. Chaidh a cheud reis dhe’n t-seorsa so a chur eadar birlinnean Breatunnach us Geancach anns a bhliadhna 1851; choisinn a bhirlinn Gheancach an duais—cupan a chosg coig ceud us coig dolair—agus ged is iomadh stri a rinn na Breatunnaich air a shon uaithe sin, dh’ fhairtlich orra, agus tha’n cupan fhathast air an taobh so dhe’n Atlantic, ’s air a ghleidheadh gu curamach ann an New York. Ma theid aig an Shamrock air a thoirt a null leatha air an turus so, cha bheag an uaill a bhios air na Breatunnaich. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn an de, bha ’n Columbia air toiseach. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. An aithne dhut Gu bheil Ceannaiche ur air fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Iain A. Mac Coinnich? Tha e a’ cumail Bathar Tioram, Bathar Fhirionnach, Soithichean Creadha, Sina, us Gloine, Lampaichean, Ti, Siucar, Amhlan, agus iomadh ni eile. Tha gach seorsa bathair dhiubh so ur, air an taghadh le mor churam, agus faodaidh tu bhi cinnteach a deagh chunnradh. J. C. Mills, SIDNI, C. B. Iulaidh 26, 1899.—tf. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich.Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 102] [Vol. 8. No. 13. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 99.) chomhairle m’ fhir-posda thainig mi far am bheil sibh, tha mi ’toirt m’ fhacail dhuibh nach ann. Cha ’n ’eil fios sam bith aige c’ar son a thainig mi an so. Is e am fabhar a tha mi ’g iarraidh, gu’n leig sibh leam falbh comhladh ris a dh’ fhaicinn righ Schasman, m’ athair-ceile.” “A nighean,” fhreagair an righ, “ged a bhios mi ’gad ionndrain re na h-uine mhor a dh’ fheumas sibh a thoirt air an rathad, gidheadh cha ’n urrainn domh aon fhacal a radh an aghaidh na bheil thu cur romhad a dheanamh. Tha’n gnothach coltach ri do nadar, ged is e turus fada sgith a tha thu ’dol a ghabhail. Tha mi ’toirt lan chead dhut falbh air chumhnanta nach fhan sibh na ’s fhaide na bliadhna ann an cuirt righ Schasman. Tha mi ’n dochas gu’n leig an righ leibh tilleadh air ais an ceann na bliadhna, agus uair ma seach gu ’m faic esan a mhac agus a bhana-chliamhuinn, agus mise mo nighean agus mo chliamhuinn.” An uair a dh’ innis Badoura do dh’ Alsaman gu’n d’ thug a h-athair cead dhi falbh comhladh ris do cheanna-bhaile na rioghachd aig ’athair, bha e anabarrach aoibhneach, agus thug e mile taing dhi air son mar a rinn i. Thug righ Shina ordugh seachad gach ulluchadh feumail a dheanamh air son an turuis. Agus cho luath ’s a fhuaradh gach ni deas, dh’ fhalbh iad; agus chaidh an righ fhein air astar thri latha leotha. An uair a bha e ’dealachadh riutha, bha iad gle mhuladach taobh air thaobh. Dh’ fhag an righ slan aca, agus ghuidh e air Alsaman a bhith caoimhneil ri ’nighinn, agus curam math a ghabhail dhi. An uair a thill an righ dhachaidh, lean iadsan rompa air an turus. Ged a bha Alsaman agus Badoura gle thursach an am dhaibh a bhith dealachadh ri righ Shina, ghabh iad misneach an uair a smaoinich iad air cho toilichte ’sa bhiodh Righ nan Eileanan an uair a ruigeadh iad e, agus cho toilichte ’s a bhiodh iad fhein an uair a chitheadh iad esan. An uair a bha iad mu mhios a’ siubhail air an aghart, rainig iad mu dheireadh comhnard mor, farsuinn, anns an robh craobhan arda air an suidheachadh astar araidh o cheile, agus a bha ’cur dubhar taitneach mu ’n cuairt orra. O ’n a bha ’n latha neo-chumanta teith, smaoinich Alsaman gu’m bu cho math dhaibh stad far an robh iad gus an sgios a leigeadh dhuibh. Bha Badoura a cheart cho toileach so a dheanamh ’s a bha e fhein. Cha bu luaithe a chuireadh a’ bhuth air doigh do Bhadoura na chaidh i steach innte, agus o ’n a bha i gle sgith an deigh an turuis fhada, thug i air te dhe na mnathan-coimhideachd an crios a bha m ’a meadhain fhuasgladh, a chum gu’n leigeadh i i-fhein ’na sineadh; an uair a rinn i sin thuit i ann an cadal trom, agus dh’ fhag na mnathan-coimhideachd leatha fhein i. An uair a chunnaic Alsaman gu’n robh gach cuis ann an deadh ordugh aig an aireamh mhoir de luchd-frithealaidh a bha ’falbh ’na chuideachd, thainig e thun na buthadh anns an robh Badoura ’na cadal. Chaidh e steach, agus shuidh e gun fhuaim sam bith a dheanamh, agus e ann an duil greis chadail a dheanamh mar an ceudna. Thug e an aire do ’n chrios aig Badoura air an urlar, agus thog e ’na laimh e. Sheall e gu geur air na clachan luachmhor agus air na daoimein a bha air a chrios, agus an uair a bha e beachdachadh air na nithean so, thug e an aire gu’n robh sporran beag boidheach air a cheangal ris a’ chrios le ribinn, agus an uair a rug e air ’na laimh, dh’ aithnich e gu’n robh ni eiginn cruaidh ’na bhroinn. O ’n a bha toil aige fios fhaotainn air ciod a bha ann am broinn an sporrainn, dh’ fhosgail e e, agus thug e as clachag bhoidheach air an robh dealbhannan agus sgriobhadh nach do thuig e. “Is fheudar gu’m bheil a’ chlachag so anabarrach luachmhor, ar neo cha bhiodh uiread de churam aig Badoura dhi,” ars’ Alsaman ris fhein. Is e clach-bhuadhach a bh’ ann a thug a mathair do Bhadoura, gus gach cunnart agus mi-fhortan a chumail uaipe fhad ’s a ghleidheadh i anns an sporran i. Gus sealladh na b’fhearr fhaotainn dhe’n chloich-bhuadhaich, thug Alsaman am mach leis i as a’ bhuthaidh, agus am feadh ’s a bha e ’beachdachadh oirre gu geur ’s i aige ’na laimh, spion eun beag a bha ’dol seachad leis i ’na ghob. (Ri leantuinn.) COMUNN GAIDHEALACH NEW ZEALAND. (Air a leantuinn o thaobh 100.) adh nan cluichean duineil sin dam bheil na h-uiread thlachd aig Gaidheil agus a bha na charaid dileas don chomunn. Bha an call aig muir a thachair o chionn ghoirid leis an deachaidh Iain Mac Phearsainn (Mate) an “Ohau” a dhith agus Mr. Alfred Mac Mhathain fear sporainn a bhata cheudna, agus Mr. Nial Mac a Chananaich na “Hinemoa,” na ni a chuir fior bhron agus mhulad air cridheachan nam buill uile. Bha cruinneachad mor Ghaidheal aig toradh Aonghais Siseal Kaikorai, ni a bha leigeadh fhaicinn am mor mheas a bha aig a chomunn air mar aon dam buill agus mar fhear dreuchd. Ann an co-dhunadh, bu mhiann le ar cuideachd riaghlaidh a sparradh air Gaidheil, leis gach uile mhodhalas, cho feumail sa tha e gum biodh iad a cuideachadh a Chomuinn anns na nithe a tha aca san amharc, gu sonruichte le bhi toirt air aghaidh buill ura a lionadh nam bearnan a bha air an deanamh anns na sreathan le uiread do sheann chairdean a bhi air an toirt air falbh, agus mar so a cumail a suas feumalachd comuinn a chunnaic ochd bliadhna deug a dol thar an cinn. UILLEAM MAC LEOID, Run Chleireach. Duneidin 4 Lugnasda, 1899. Chaidh coinneamh a ghairm ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh aig an robh daoine a bha gun obair ri ’n comhairle chur ri cheile thaobh ciod a bhiodh iomchuidh dhaibh a dheanamh air son obair fhaotainn. Thainig an latha ’san uair, ach cha d’ thainig gu aite ’chruinneachaidh ach dithis dhaoine, agus cha robh bheag de choltas a bhi ’g iarraidh obrach orra sin fhein. Tha so ag innse nach eil a bheag de dhaoine ’nan tamh anns a bhaile. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 103] [Vol. 8. No. 13. p. 7] AN D’ THAINIG NA GAIDHEIL AN IAR ROIMH AM NA DILE? Feudaidh a’ cheist so a bhi air a cur le neach ’sam bith; ach mar tha fior a thaobh cheistean mu nithibh eile cha’n ’eil freagradh fhaotainn di idir cho furasda. Tha am beagan a leanas air a thoirt air aghaidh mar bharail a dh’ fheudas a bhi na cuideachadh gu cuisean a reiteachadh air son fuasgladh fhaotainn do’n cheist. Cha bu mhaith leam gu ’n togadh neach ’sam bith cearr mi, le bhi smuaineachadh gu ’m bheil mi a’ ruith gu h-eutrom is gun tur an aghaidh teagasg neo-fhailneach a’ Bhiobuill ann a bhi eadhon a’ cur na ceist—ann a bhi a’ feoraich gu teagmhach mu’n chuis. A thaobh na bheil againn anns a’ Bhiobull ’si mo chreud gabhail gu creidmheach neo-theagmhach ris gach firinn a tha againn air a leagadh sios ann gu soilleir; ach air an laimh eile tha mi gleidheadh saorsa beachd no barail dhomh fein a thaobh nithean nach ’eil air am foillseachadh gu h-iomlan no gu coimhlionta anns an Fhocal. Tha mi saoilsinn gu ’m bheil am beachd a tha mi gabhail air a’ chuis glan reidh agus co-shinte ri run teasaisg a’ Bhiobuill cho fad agus a tha sin a’toirt leis ’na luib ni sam bith a chuidicheas fuasgladh do’n cheist. A bharr air so, cha ruig sinn a leis a bhi fo amhghar gu’n teid creideamh no crabhadh a charuchadh as an aite le barailibh luaisgeach do’n t-seorsa so, a tha ann an diugh is as am maireach, oir gu tric cha’n ’eil iad ach ’nam meadhon a tha treoireachadh a dh’ ionnsuidh firinn is mo agus is cudthromaiche fhaotainn a mach no dhaingeachadh. Tha ceud ghluasad no imrich priomh theaghlaichean a’ chinne-dhaonna ’na chuspair mu’m bheil moran air a labhairt agus air a sgriobhadh. Ach far nach ’eil eachdraidh ag innseadh le guth dearbhte mu na roidibh a ghabh na fogaraich sgapte dhoibh fein tha beachdan luchd-rannsachaidh tur eug-samhuil gu tric, agus cha’n eil riarachadh ach gann ri fhaotainn. Cha bhi ioghnadh ormsa, uime sin, ged nach faigh a h-uile fear riarachadh anns na leanas: I.—TEISTEANNAS LUCHD-EALAIN. Tha cuid a’ cur na cuis air an doigh so. Tha Ealain am beoil a luchd-riochdachaidh a’ togradh gu ’m bheil aois agus eachdraidh aig cuid do chinnich a tha dol fada ni’s fhaide air ais na am na Dile o’n do shaoradh Noah. Tha aon a’ sgriobhadh mar so: “Tha doigh sgriobhaidh Aibidealaich ann a nis o cheann tri mile bliadhna no corr, agus tha modhan sgriobhaidh dealbhaich ri m’ faotainn a’ dol air ais tri mile bliadhna eile.” ( Humphrey’s Origin and Progress of the Art of Writing.) Tha sinn mar so air ar toirt a dh’ aon leum air ar n-ais gu laithibh Adhaimh. Tha e cumail a mach gu’n robh modh sgriobhaidh coimhlionta aig na h-Eiphitich roimh am Abrahaim; gu ’m bheil sgriobhaidhean d’an cuid a lathair, far am bheil iomradh air righ sonruichte, Souphi, a bhuineas do linn “air a’ chuid is lugha ceithir mile bliadhna roimh theachd Chriosd.” Tha e nochdadh mar an ceudna gu ’n robh eolas sgriobhaidh ri fhaotainn am measg nan Chinese “tri mile bliadhna” mu ’n d’thainig Criosd. Ach cha ’n eil an so ach aois bheag an coimeas ris na linntibh a chunnt Epignes, air am bheil Pliny ag iomradh; tha esan ag radh gu ’n d’ fhuair e cunntas mu reul-eolas am measg seann mhuinntir Bhabiloin a bha a’ sineadh air ais gu corr is seachd ceud mile bliadhna (720,000!), agus gur h-ann air clachaibh creadha a fhuair e an sgriobhadh. Ach ged nach eil e duilich an spleadh so a chur a dealbh firinn, gidheadh cha ’n eil e soirbh beachdan a tha air am bonntachadh air rannsachadh Young agus Champollion a choinneachadh. O’n mhineachadh a tha iadsan a’ deanamh air seann sgriobhadh agus grabhaladh a gheibhear air clachaibh agus air leacaibh aosda na h-Eiphit, thatar a’ codhunadh gu’n robh Ealain a’ Sgriobhaidh air a cleachadh am measg nan Eiphiteach fagus do chuig mile bliadhna roimh am teachd Chriosd. II.—TEISTEANNAS A’ BHIOBUILL FEIN. Gheibh sinn mar an ceudna anns na Sgriobtuiribh fein suidheachadh agus iomradh air nithibh a tha ag amharc air ais ri tus o’n d’ fhas iad—tus ni ’s aosmhoire na am beachd coitcheann a thatar a’ togail o’n Bhiobull. Ann an laithibh Abrahaim tha sinn a’ leughadh mu ’n staid eolais agus ealain air an d’ rainig na h-Eiphitich. Tha iad air an cur f’ar comhair mar chinneach agus mar rioghachd ann an lan orduigh, crutha, agus coimhliontachd. Bha eolas aca air Ealainibh, mar chunnaic sinn mu Ealain a’ sgriobhaidh, air nach ’eil cinnich a’ faotainn greim ann an uine bhig. ’S ann a mhain mar thoradh air moran feuchain, oidheirp, agus saothair, a tha a leithid so do dh’ airde eolais ri a faotainn am measg chinneach,—mar thoradh air fas cuairt mhor do bhliadhnachan. Am measg nan nithe eile a dh’ oibrich iad a mach dhoibh fein, gheibh sinn rian a’ sgriobhaidh. Rainig iad aig an am so air ceum ard na h-aibideil—ceum air nach d’ rainig moran do chinnich na h-airde-’n-ear gus an latha ’n diugh. Is ann le saothair mhoir o mhodh sgriobhaidh le deilbh a ruigear air inbhe na h-aibideil. A nis bha an Eiphit an lan sheilbh air so agus air ioma rud eile ann an linn Abrahaim. Agus ’n uair bheir sinn fainear nach robh ann an Abraham ach an deicheamh o Noah, tha e ’na aobhar ioghnaidh gu ’m b’ urrainn do chinneach mor, a rainig air moran eolais, ealain, is innleachd, a bhi air fas suas anns an Eiphit ann an uine cho goirid. Agus cha’n e a mhain gu’n robh an Eiphit air fas suas ’n a cinneach treun anns an uine ghoirid ud; ach gheibh sinn mar an ceudna moran do righrean agus do shloigh eile mu’n cuairt anns a cheairn ud. Feudar so a thuigsinn o chogadh Chedarlaomeir agus a chompanach. Os barr so, bha sluagh tiugh sgaoilteach ann an Canaan; agus mar an ceudna ann am bailtibh a chomhnaird, Sodom, Gomorrah, Admah, is Seboim. A nis is e an ni duilich fhosgladh air doigh riarachail, cionnus a b’ urrainn an Eiphit, anns an uine ghoirid a bha eadar Noah agus Abraham, fas suas gu cruth agus staid cho coimhlionta agus a tha ’ga cliuthachadh ann an laithibh Abrahaim? Tha e soilleir gu’n gabhadh e cuig no se linntean o Noah mu ’m b’ urrainn sluagh gu leoir a bhi ri fhaotainn ’s an Eiphit a dh’ oibricheadh a mach ealain is innleachd. Bhiodh na ceud ghinealaich ’nan luchd-gleidhidh bhuar is threud. A ris tha e doirbh a thuigsinn cionnus a b’ urrainn an Eiphit is cinnich eile tighinn gu h-inbhe cho ard ann an ceithir no cuig a linntean ’na dheigh sud. Bha aithrichean an la gun teagamh a’ faotainn aois mhoir, ach cha reitich so a’ chuis gu buileach. A reir mo bheachd-sa gabhaidh an gnothuch a bhi air a shoilleireachadh gu Sgriobturail agus sin an cordadh ri eachdraidh mar an ceudna, le aobhar agus run na Dile a chumail ’n ar cuimhne. (Ri leantuinn.) Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B D. A. HEARN, FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c., &c. SIDNI, C B THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 104] [Vol. 8. No. 13. p. 8] An t-Eoin Gasda. Ge do theid mi do ’n leaba, ’S beag mo shunnd ris a chadal, ’S mi ’caoidh an Eoin ghasda so ’dh’ eug. Gur h-e b’ aighear do m’ shuilean A bhi ’g amharc air t’ urluinn, Bu tu m’ ailleagan ur air gach feill. Bu tu m’ altrachan guailne, ’Rinn mi ’altrum ’s a chuallach. ’S tha mi ’n diugh gun do luach agam fein. ’S ann am chiochaibh ’bha ’m bainne ’Chaidh a liontachadh t’ fhala; Riut a dheanainn mo ghearan am fheum. Dh’ fhalbh do bhraithrean is t’ athair Leat gu Crois Mhic-Gilleain; Dh’ fhag sud sinne gun aighear ’nur deidh. Tha do pheathraichean thall ud, ’S beag an luaidh air tigh’nn thairis, Bho na dh’ fhuaigh iad an t-anart mu d’ bheul. ’S iomad baintighearn og, uasal, A bha reubadh a cuailein, Agus rosg air an d’ fhuasgail thu deur. Their gach te da bheil gliocas, ’S nach d’ fhuair aobhar mo chisgidh-s’, ’Bhean mo ghaoil dean-sa misneach ’na dheidh. ’S e na fhuair mi d’ ur gibhtean Cead bhi ’g amharc a lice; Bha mi aic’ na bu tric’ na b’e m’ fheum. O! ’s mi ’th’ air mo chlisgeadh Mu ’n fhear ’leughadh mo litir; Tha do leabhr’chean an ciste gan fheum. Tha do leabhraichean duinte Ann an ciste, gun suil orr’; Chuir sin mulad gu drudhadh orm fein. Co a chitheadh air faich’ thu Is nach gabhadh sar bheachd ort? Gu ’m bu cheannard mo dhalt-s’ air choig ceud. An Grainne Cruithneachd. FONN:—“Muile na mor-bheann.” ’Se bas agus fas a ghrainne chruithneachd, An t-aran bho ’n aird thug slainte dhuinne; Le gorta no plaigh cha bhasaich duine Le ’n ail bhi pilleadh ri trocair. Nuair chualas na h-ainglean seinn air talamh, Gu ’n d’ rugadh Mac dhuinn na naoidhean beannaicht’, Ghrad dh’ imich ar n-oidhche, shoillsich maduinn Le aoibhneas maireann ’us solas. So storas nach treig gu feum gach anam; Tha ’n Diadhachd gu leir ann fein a fanailt, Tha dhaonnachd gun bheud, ’s e fein a cheangail Ri cheile talamh us gloir dhuinn. Nach fallain a siol a lion an cruinne Le toradh gun ghiamh, gu biadh gach duine; Na shuidheas fo sgail bidh sasuicht’ uile, ’S cha ’n iarr iad tuilleadh de sholas. Fo fhulangas trom bha chom us anam, ’S e seasamh an aite chaich ’san deannal. Ach sud mar a phronn e ceann na nathrach, Toirt saorsa mhaireann do dheoiridh. Nuair thainig au uair bu chruaidh a fulang, Chaidh peanas a shluaigh a bhualadh uil’ air; Ach dhuisg e bho ’n uaigh le buaidh mar churaidh, ’S cha dual duinn tuilleadh ’bhi bronach. Aig naoidheanan fein tha feum air glanadh; Thug esan dhaibh speis mar leigh nam beannachd; ’S tre fhialaidheachd grais, air sgath na fala, Tha tearnadh anam mar choir dhaibh. Carson nach biodh sinn le sgoinn mar bhuineadh, ’Toirt fuaim air na glinn le seinn us moladh? Ghabh Dia ruinn mar chloinn, thog dhinn am malachd, Ged thoill sinn corruich us doruinn. Bha laoidh rudeigin coltach rithe so anns an “Highland News” an April so chaidh; ach cha robh a bhardachd ach gle dhona. Ma shaolas tu gur fhiach i so aite anns a MHAC-TALLA, thoir dhith oisean beag uair air choireigin. C. C. Iorram, Le te d’a leannan ’s e an deidh te eile a phosadh. ’S e mo run do chul boidheach; Leam bu deonach ’bhi t’ fhaicinn. Cas a dhireadh a mhonaidh Is do ghunna fo t’ achlais. Bhiodh am boc as an fhireach Air do ghille tigh’nn dachaidh. Bhiodh an ruadhag ’sa ghlaodhaich Aig mo ghaol-sa fo ’bhreacan. ’S math ’thig boineid mhath, dhubh-ghorm, Dhuit air cul an fhuilt chleachdaich. Gur-a math ’thig dhuit leine Fo dheagh fheile de ’n bhreacan, Is brog bhileach gun chuaig oirr’; ’S cha bu shuarach a baltan; Agus gartanan riomhach; B’e mo mhiann ’bhith gam pasgadh. ’S i do ghruaidh bu ghlan rudhadh; Dearg mar ubhal na slaite. ’S e do dheud a b’ fhearr snaidheadh; Bu mhac samhuil do ’n chailc e. Bha do chairdeas gu direach Ris na righribh ’bh’ an Sasunn. Mur a deachaidh mi ’m mearachd Gur a car thu ’shiol Alpainn. ’S gur a car thu ’Chlann-Domhnaill, Luchd nan ro-seol ’s nam bratach. Gur a car thu ’Mhac-Dhughaill, Dh’ a bheil tur nan clach snaidhte. Gur a car thu ’Mhac-Coinnich Bho na h-eileinean farsuinn. Sguiridh mise ’gad shloinneadh; Leam is coma mar thachair; Bho ’n la sheachainn thu ’n fhaodhail, ’S nach do thaghail thu ’m fhaicinn; Bho ’n la chuir thu do chul rium, Tha fuil bhruite fo m’ aisne. Bho ’n la chuir thu ’n t-snaim ruighinn, Gur tric snigh’ air air mo rosgaibh. ’S e mo run do chul boidheach; Leam bu deonach bhi t’ fhaicinn. Tha e air a radh nach eil ach gann taillear ri fhaotainn nach eil eolach air aireamh mhor de dhaoin’ oga tha gle ghealltanach—an seorsa sin a ni gealltanas math agus droch phaigheadh. Tha na h-ubhlan a creic ann an gleann Annapolis am bliaddna air $1.75 agus $2.00 am barailte, prisean nach b’abhaist a bhi faotainn orra ’nuair a bhiodh iad cho pailt. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 105] [Vol. 8. No. 14. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 13, 1899. No. 14. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XI. OR “CHO PAILT RIS NA CLACHAN.” Chosg sinn na bha ronhainn dhe’n latha cur na h-uamha ann an ordugh. Rinn sinn aiteachan cadail dhuinn fhein mor-thimchioll ri da thaobh na h-uamha. Ghearr sinn cabair cho freagarrach ’s a gheibheamaid, agus dh’ fhigh sinn an rusg ruidhinn a bh’ air na craobhan eadar na cabair, agus bha leaba am fear againn, mu dha throidh air leud, cho socrach ’s a dh’ iarramaid ’na leithid sid a dh’ aite. Bha connadh gu leor cho deiseil dhuinn ’s a dh’ iarramaid. Agus cha robh tri slatan a dh’ astar eadar dorus na h-uamha agus uisge na h-aimhne. B’e bocsaichean gu nidheadh a’ ghrabhail ’s na h-urach a measg an oir, rud cho mor ’s a bha dhith oirnn aig an am. Cha d’ thug sinn a leithid de ni leinn an uair a dh’ fhalbh sinn o ’n taigh; oir cha robh smaointean sam bith againn aig an am gu’n tachradh or ruinn ann an aite fasail anns nach biodh fear-ceairde sam bith a dheanadh bocsa no rud eile dhuinn. Ach cha bhiomaid an taing fir-ceairde, na do thachair a’ bheag de dh’ acuinn shaorsneachd a bhith againn. Cha robh againn ach an tuadh agus na sgeinean. Thachair dhomhsa gu ’n robh cuid mhath de ghne’ an fhir-cheairde annam gu nadarra, agus ghabh mi os laimh oidhirp a thabhairt air bocsa dheanamh. Ged a chaidh mi ris cho math ’s a b’ urrainn ’s a b’ aithne dhomh, cha robh e freagarrach gu leor air son na h-obrach air son an d’ rinneadh e. Ach b’ fhearr dhuinn againn e na uainn. An uair a bhios daoine ann an eis, agus fad o aite anns am faighear na nithean a bhios a dhith orra, cha’n eil aca ach cur suas le gnothaichean cho math ’s a dh’ fhaodas iad. Mar a tha an seanfhacal ag radh, “Thig innleachd le aimbeirt.” Rinn sinne ar n-uile dhichioll air ar cuid a bhith againn dhe’n or a bha cho pailt anns an aite. Nan robh an t-inneal againn, dh’ fhaodamaid ar fortan a dheanamh ann am beagan mhiosan. Cha robh aobhar gearain sam bith air mar a bha cuisean a’ dol leinn; ach bha sinn cho lan de shannt ’s nach b’e am furasda ar riarachadh anns an am. Mar bu mho a bha sinn a’ faotainn, is ann bu shanntaiche a bha sinn a’ fas. Air latha araidh, an deigh dhuinn a bhith mios a’ cladhach an oir anns an aite ud, shuidhich sinn gu’n rachamaid suas ri taobh na h-aimhne feuch an tachradh aite ruinn anns am faigheamaid barrachd dhe’n or na bha sinn a’ faighinn far an robh sinn. Gun fhios nach tigeadh oirnn oidhche no dha a chur seachad shuas ann am braighe na beinne, thug sinn leinn beagan deisealachd. Bha e dluth air meadhain latha mu ’n d’ fhalbh sinn. Agus ged a bha barrachd fionnarachd againn ’ga fhaotainn mar a b’ airde bha sinn a’ direadh, bha’n teas cho mor ’s gu’m b’ fheudar dhuinn greis dhe’n uine chur seachad fo sgaile nan creag a bha aig bruaich na h-aimhne. Cha robh sinn fada ’nar suidhe aig bonn nan creag an uair a thug sinn an aire gu’n robh iasg air an amhainn, agus ged a bha sinn neo-chomasach air a ghlacadh, rinn sinn solas ri ’fhaicinn a’ snamh mu ar coinneamh. Cha’n fhaca ’s cha do bhlais sinn iasg o’n a dh’ fhalbh sinn o na taighean. Agus aig an am bheireamaid a choig luachan air beathach eisg, nam biodh duine ann a bheireadh dhuinn e ri cheannach. Bhuail e anns a’ cheann aig fear no dithis dhinn gur docha gu’m faigheamaid doigh air beagan bheathaichean dhe’n iasg a ghlacadh nan rachamaid gu math na b’ airde suas ri braighe na h-aimhne, agus gu’n dail shuidhich sinn gu’n coisicheamaid suas, agus gu ’m biodh suil againn am mach araon air son an oir, agus air son an eisg. Mar a bha sinn a’ gabhail suas air ar socair ri bruaich na h-aimhne, thug sinn an aire gu’n robh am barrachd dhe’n iasg ri fhaicinn. Agus thug so misneach dhuinn gus a dhol suas na b’ airde ’s na b’ airde. An uair a bha sinn greis a’ coiseachd mar so air ar n-aghart, thainig sinn ann an sealladh garbhlaich agus chreagan arda troimh ’n robh an amhainn a’ ruith. Shaoil sinn o’n a’ cheud shealladh a chunnaic sinn dhe’n gharbhlach, nach robh rathad againn air faighinn thairis air gun sinn fhein a chur ann an cunnart mor. Bha na creagan cho ard, agus bha iad uile mar gu’m biodh iad a’ bagradh tuiteam a nuas car ma char a dh’ ionnsuidh an aite anns an robh sinn. Chuir an sealladh so a leithid a dh’ ioghnadh oirnn ’s gu ’n do sheas sinn greis far an robh sinn. Ach mar a bha sinn a’ dol na bu dluithe do’n gharbhlach, bha sinn a faicinn nach robh e idir cho doirbh a dhireadh ’s a bha sinn an toiseach an duil. Ach ged a bha ’n amhainn a’ ruith seachad oirnn, cha robh sinn an toiseach a faicinn cia mar a bha i tighinn troimh ’n bheinn. Uair a theireamaid gur ann a’ bruchdadh am mach a bonn na beinne a bha i, agus uair eile theireamaid gur ann a bha i ’ruith troimh ’n bheinn, agus gu’m feumadh gu’n robh earann mhor dhi air chul na beinne. Coma co dhiubh, an uair a rainig sinn bonn na beinne chunnaic sinn gu’n robh an amhainn an deigh aite chladhach dhi fhein troimh ’n bheinn. Cha robh ach gann fichead troidh a leud innte, agus tha mi creidsinn gu’n robh ceud gu leth troidh a dh’ airde anns na bruaichean aice. Cha robh moran uisge, innte idir. Ach an uair a shileadh an t-uisge gu trom anns na monaidhean agus anns na beanntan arda o’n robh i ’sileadh, bhiodh tuil gle mhor innte. Bha so furasda gu leor dhuinn a thuigsinn o na bha ri fhaicinn air gach taobh dhi. Bha glumagan is linneachan dhe gach meudachd aig beul a’ chumhaing so troimh an robh an amhainn a’ ruith. Shuidh sinn aig beul a’ chumhaing so, agus thug sinn lamh air a’ bheagan bidh a thug sinn leinn. An uair ghabh sinn na bha feumail dhuinn dheth, chaidh fear dhinn le soitheach sios do’n amhainn gus deoch a thoirt a nios. Mu’n do tharr e ach gann an amhainn a ruidhinn, ghlaodh e, “Fheara, fheara, tha’n t-or an so cho pailt ris na clachan fhein.” An uair a chuala sinn sid, leum sinn sios cho ealamh ’s a b’urrainn duinn. Ged nach robh an t-or cho pailt ’s a bha’n duine ag radh, bha e pailt gu leor. Ann am beagan uairean am feasgar ud fhein, fhuair sinn barrachd dheth na fhuair sinn fad seachdain roimhe sid. Bha anabarr dhe ’n or anns an aite; ach o nach robh doigh cheart againn gus an nighe a measg a’ ghreabhail agus na h-urach, cha b’ urrainn duinn a ghleidheadh ach a’ chuid bu ghairbhe dheth. Fhuair sinn an lath’ ud fhein na h-uiread de chnapan dheth a bha cho garbh ris a’ ghran eorna. Bha sinn cinnteach gu ’n robh am pailteas dheth anns na creagan troimh an robh an amhainn a’ ruith. Thainig oirnn an oidhche a chur seachad far an robh sinnn; agus o’n a bha an t-side tioram, blath gu leor, cha d’ fhuair sinn fuachd no anastachd sam bith. Chuir sinn seachad cuid mhath dhe ’n oidhche a cur ar comhairle ri cheile mu dheidhinn ciod bu choir dhuinn a dheanamh. Bha fhios againn gu’n robh an t-or gu math na bu phailte mar a b’ airde dhireamaidh suas am measg nam bean; ach bha eagal oirnn nach fhaigheamaid aite sam bith eile a bhiodh cho seasgair ’s cho bhlath ’s cho sabhailte ris an umhaidh. Ach mu dheireadh thall, dh’ aontaich sinn uile gu’m bu cheart cho math dhuinn, o’n a thainig sinn cho fada, a dhol air ar n-aghart gus an ruigeamaid a’ cheart bhad as an robh an amhainn a’ sileadh. Nan tigeadh droch shide oirnn, cha robh againn ach greasad sios do ’n uamhaidh, agus an droch shide a chur seachad innte. An uair a dhuisg sinn ’sa mhadainn agus a ghabh sinn ar biadh, bha sinn greis eadar dha chomhairle co dhiubh a dhireamaid an garbhlach a bha air taobh na beinne, na dh’ fheuchamaid ri ar rathar a dheanamh suas ri bruaich na h-aimhne. Bha seachdnar dhinn ag iarraidh bruaich na h-aimhne a leantuinn; agus ged a bha ’n dithis eile a’ roghnachadh an garbhlach a dhireadh, chunnaic iad gu’m bn cho math dhaibh cach a leantuinn. Cha’n fhaiceamaid ach gann fichead slat dhe’n amhainn; oir bhi i cho lan de luban ’s de dh’ easan ri amhainn a chunnaic mi riamh. O nach robh an tuil mor aig an am, cha robh e idir doirbh dhuinn coiseachd ri iomall an uisge. B’ e cho ard ’s a bha na creagan os ar cionn bu mho a bha cur a dh’ eagal oirnn. An nair a sheallamaid as ar cionn, shaoileamaid gu ’n robh iad a’ dol a ghrad tuiteam oirnn. Mu dheireadh chuir sinn romhainn nach seallamaid as ar cionn idir. Bha sinn greis math a’ dol air ar n-aghart mar nach b’ olc. Cha robh cabhag sam bith oirnn; agus ged a bhitheadh, cha b’urrainn duinn cabhag a dheanamh ’na leithid sid a dh’ aite. Bha sinn a cumail suil air iomaill na h-aimhne mar a b’ fhearr a b’ urrainn duinn, feuch am faiceamaid dad de choltas an oir; ach bha ’n struth cho luath, agus, mar bu trice, bha leithid de chop air iomall an t-struth ’s gur gann a rachadh againn air an or fhaicinn, ged a bhiodh e ’na chnapan cho garbh ris na faochagan. Mu dheireadh thainig sinn gu aite a bha cho cas ’s nach robh e ’n comas dhuinn a dhol thairis air. Bha sinn aig an am gu math ard as cionn an uisge; agus nan tuiteamaid sios, rachadh ar cnamhan a bhristeadh mu’n ruigeamaid an t-uisge. (Ri leantuinn.) [TD 106] [Vol. 8. No. 14. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XIV. An uair a chunnaic Alsaman an t-eun ag itealaich air falbh leis a’ chloich-bhuadhaich, bha dragh inntinn is doimheadas anabarrach air, a chionn gnothach a ghabhail rithe. Cha ’n urrainnear cainnt a chur air an t-suidheachadh inntinn anns an robh e an uair a smaoinich e air cho luachmhor ’sa bha ’chlachag bheag ud ann an sealladh Bhadoura, agus an curam a bha aice dhi. Laidh an t-eun air an talamh astar beag air falbh, agus a’ chlach-bhuadhach aige ’na ghob. Chaidh Alsaman far an robh an t-eun, agus e ann an duil gu ’n leigeadh e as a’ chlach; ach an uair a bha e gus a bhith aige, dh’ eirich e air iteig, agus laidh e air an talamh astar beag air falbh mar a rinn e roimhe. Lean Alsaman an t-eun; ach shluig an t-eun a’ chlach, agus dh’ itealaich e astar beag air falbh. Bha Alsaman anabarrach cuimseach, agus smaoinich e gu ’m marbhadh e an t-eun le cloich; ach lean an t-eun air iteig, agus laidheadh e astar beag na b’ fhaide air falbh. Mar a b’ fhaide a bha ’n t-eun a’ dol air aghart mar so, is ann bu deine a bha Alsaman ’g a leantuinn. Mu dheireadh thug an t-eun air a bhith falbh ’na dheigh fad an latha o bheinn gu gleann ’s o ghleann gu beinn, agus e sior dhol na b’ fhaide o ’n aite anns an d’ fhag e Badoura ’na cadal. Ach an aite laidhe fad na h-oidhche air preas far am faodadh Alsaman greim a dheanamh air, is ann a laidh an t-eun air craoibh aird far nach ruigeadh creutair sam bith air. Bha dorran gu leor air Alsaman a chionn mar a chuir e seachad an latha ’falbh an deigh an eoin ’s gun dad aige air a shon, agus smaoinich e gu ’n tilleadh e do ’n champ. Ach, thuirt e ris fhein, “Co ’n rathad a thilleas mi? An teid mi dhireadh nam beann ’s a thearnadh nan gleann troimh ’n d’ thainig mi air an astar so? An teid mi air seachran anns an dorchadas? An bheil de neart annam na bheir air ais mi gu sabhailte? Cia mar is urrainn mi a dhol am fianuis na bana-phrionnsa gun a’ chlach-bhuadhach agam? Eadar mar a bha e air a chlaoidh a’ falbh an deigh an eoin, agus mar a bha e air a sharachadh cho mor ’na inntinn, thainig an cadal air agus leig e e-fein ’na shineadh fo chraoibh, far an do chuir e seachad an oidhche. Dhuisg e mu ’n d’ fhalbh an t-eun bhar na craoibhe; agus cho luath ’s a dh’fhalbh e air iteig, lean e fad an lath’ e, mar a rinn e an latha roimhe sid. Cha robh greim bidh aige ach beagan mheasan a bha e ’cruinneachadh an drasta ’s a rithist am measg nan craobh mar a bha e ’dol air aghart. Lean e air siubhal an deigh an eoin air an doigh so fad dheich latha, agus e ’n duil a h-uile latha gu ’n rachadh aige, air aon doigh no doigh eile, air greim fhaighinn air beo no marbh. Air an aona latha deug, mar a bha e ’siubhal an deigh an eoin, rainig iad baile mor. Chaidh an t-eun air iteig a steach air barr a’ bhalla leis an robh am baile air a chuartachadh, agus cha ’n fhac’ e sealladh tuilleadh dheth. Cha ’n urrainnear cainnt a chur air an doilgheos a bha air Alsaman an uair a thug e duil thairis nach fhaigheadh e greim air an eun. Chaidh e steach air geata ’bhaile. Bu bhaile gle mhor e, a bha air a thogail air bruaich a’ chladaich; agus bha acarsaid mhor, bhriagha air beulaobh a’ bhaile. Choisich e sios is suas air na sraidean, gun fhios aige c’aite an robh e ’dol, na c’aite an stadadh e. Mu dheireadh thainig e air a shocair fhein ri taobh na h-aimhne, agus thug e an aire geata garaidh fhosgallte, agus gu’n robh sean gharadair ag obair ann. Thog an garadair a cheann, agus an uair a chunnaic e Alsaman, dh’ aithnich e anns a’ mhionaid gur a coigreach a bh’ ann, agus gu’m bu Mhahomedanach a bh’ ann. Dh’ iarr e air a dhol a steach do ’n gharadh, agus an dorus a dhunadh ’na dheigh. An uair a chaidh Alsaman a steach do ’n gharadh, dhuin e an dorus mar a dh’ iarr an garadair air. An sin dh’ fheoraich e dhe ’n gharadair, c’ar son a bha e cho curamach mu dhunadh a’ gheata. Fhreagair an garadair, agus thuirt e, “A chionn gu’m bheil mi ag aithneachadh gur coigreach thusa, agus gur e Mahomedanach a th’ annad. Is e luchd iodhol-aoraidh a th’ anns a’ chuid a’s mo de shluagh a’ bhaile so, agus tha grain uamhasach aca air na Mahomedanaich, agus tha iad a’ deanamh foirneart oirnn. Tha mi ’creidsinn nach robh fhios agadsa air so. Is gnothach miorbhuileach a th’ ann gu ’n d’ fhuair thu do bheatha leat gus a so; oir tha ’n luchd iodhol-aoraidh ro dheas gu greim a dheanamh air gach Mahomedanach a thig air chuairt do ’n bhaile; na ’s lugha na bhios iad ’n am fior fhaicill rompa. Tha mi ’toirt cliu do Dhia a chionn gu’n d’ thug e gu sabhailte thu gu ruige so.” Thug Alsaman moran taing do n’ gharadair air son na comhairle ’thug e air, agus a chaoimhneis a bha e ’nochdadh dha. “Thig a steach comhladh riumsa do m’ bhothan beag bochd so,” ars’ an garadair. “Feumaidh gu’m bheil thu araon sgith agus acrach.” Thug e Alsaman a steach do ’n taigh, agus chuir e am biadh a b’ fhearr a bh’ aige air bord air a bheulaobh. An uair a ghabh am prionnsa na thainig ris dhe ’n bhiadh, dh’ fheoraich an garadair dheth cia mar a thainig e do ’n aite. Dh’ innis Alsaman do ’n gharadair facal air an fhacal mar a thachair dha tighinn do ’n bhaile. Agus dh’ fheoraich e dheth ciod an rathad bu ghiorra dha gus a dhol do ’n rioghachd aig ’athair; oir cha robh e ’creidsinn gu’m biodh e comasach dha an rathad a dheanamh am mach a dh’ ionnsuidh an aite anns an d’ fhag e Badoura, an deigh dha bhith aon latha deug air faontradh air feadh bheann is choilltichean. “Ah! cha ’n ’eil fhios am bheil i beo?” ars’ esan ’s e ’toiseachadh ri gul ’s ri caoidh. Fhreagair an garadair, agus thuirt e ris nach robh e an comas dha a dhol do rioghachd ’athair air chois, a chionn gu’n robh an t-slighe anabarrach fada; agus a bharrachd air sin, a chionn nach robh doigh aige air e fhein a chumail beo fad na h-uine mhoir a dh’ fheumadh e bhith air an rathad. Thuirt e ris mar an ceudna, gu’m feumadh e dhol troimh dhuthchannan anns an robh daoine anabarrach borb, aineolach, agus gur docha gu’n tugadh iad a bheatha dheth. Dh’ innis e dha gu’n robh astar bliadhna eadar e is taigh ’athar. Ach thuirt e ris gur e an rathad bu ghiorra dha falbh air luing gu ruige Eilean Ebene, agus a dhol as a sin gu ruige Eileanan Chlann Chaledain. “Tha long a falbh as an acarsaid so uair ’sa’ bhliadhna gu ruige Ebena, agus faodaidh tu do thurus a ghabhail oirre,” ars’ an garadair. “Sheol an long o chionn beagan laithean; agus nan d’ thainig tu na bu traithe, dh’ fhaodadh tu falbh oirre. Ach ma thogras tusa fuireach comhladh riumsa gus an seol an ath long o chionn bliadhna, is e do bheatha. Beag ’s mar a tha ’n taigh, ma chuireas tusa suas leis, faodaidh e bhith dhut mar do thaigh fhein.” Bha Alsaman toilichte a chionn gu ’n d’ fhuair e tairgse cho math, agus ghabh e i gu taingeil. Bha e ’caitheamh na h-uine ag obair anns a’ gharadh a h-uile latha, agus bha e gu goirt a’ caoidh na bana phrionnsa a h-uile oidhche. Fagaidh sinn Alsaman anns an aite ud, agus innsidh sinn mar a dh’ eirich do ’n bhana-phrionnsa Badoura:— Chaidil Badoura uine mhath, agus an uair a dhuisg i, cha robh Alsaman ri ’fhaicinn. Ghabh i ioghnadh gu leor nach robh e dluth dhi mar bu ghnath leis. Ghlaodh i air na mnathan-coimhideachd, agus dh’ fheoraich i dhiubh an robh fhios aca c’ait’ an robh e. Thuirt iad rithe gu ’m faca iad e a’ dol a steach do’n bhuthaidh anns an robh i ’na cadal, ach nach d’ thug iad an aire dha a’ tighinn am mach idir. Am feadh ’s bha iad a’ bruidhinn rithe, thog i an crios, agus fhuair i an sporran fosgailte agus gun a’ chlach-bhuadhach ann. Cha do chuir i teagamh nach b’ e Alsaman a thug as i gus a faicinn; agus bha i cinnteach gu ’n cuireadh e air ais a rithist i. Bha duil aice ris a h-uile mionaid gus an d’ thainig an oidhche, agus cha b’ urrainn di a thuigsinn ciod a bha ’g a chumail cho fada gun tilleadh. An uair a dhorchnaich an oidhche, agus nach robh coltas gu’n tigeadh Alsaman, chaidh i gu tuireadh ’s gu tuirse buileach glan. Thug i a mile mollachd air a’ chloich-bhuadhaich, agus air an fhear a rinn an sgriobhadh a bh’ oirre. Agus cha mhor nach tug i a mollachd air a mathair a chionn nach b’ urrainn di a thuigsinn cia mar a chuireadh a’ chlach dealachadh eadar i fhein agus Alsaman. Ach ged a bha i greis mhor anns an t-suidheachadh so, cha do chaill i a misneach, ach chuir i roimpe gu ’n gnathaicheadh i doigh air i fhein a thoirt as an t-suidheachadh anns an robh i, nach do gnathaich a’ bheag de bhoirionnaich riamh. Cha robh fhios aig neach sam bith ach Badoura fhein ’s aig na mnathan-coimhideachd, gu ’n d’ fhalbh Alsaman; oir bha an luchd-frithealaidh gu leir ’nan sineadh, ar neo ’nan cadal anns na buithean ’s an am an d’ fhalbh e. Bha eagal oirre gu’m brathadh iad i, nam faigheadh iad am mach nach robh sgeul air Alsaman. Air an aobhar sin, dh’ fheuch i ri a bron a chumail am falach cho math ’s a rachadh aice air, agus dh’ aithn i do na mnathan gun uiread is iomradh a thoirt air mar bha cuisean. Chuir i dhith a h-aodach fhein, agus chuir i uimpe deise le Alsaman. Agus bha i cho coltach ris anns gach doigh ’s gu’n robh na seirbhiseach gu leir a’ smaointean gur e fhein a bh’ ann. Dh’ordaich i dhaibh gach ni a dheanamh deiseil air son an turuis; agus an uair a bha iad deiseil gu falbh, thug i ordugh do the dhe na mnathan a dhol do ’n charabad anns am b’ abhaist dhi fhein a bhith, agus mharcaich i fhein ri taobh a’ charabaid. Bha iad aireamh mhiosan air an turus air muir ’s air tir; agus fad na h-uine bha na fir a bh’ anns a’ chuideachd an duil gur e Alsaman fhein a bha falbh air an ceann. Sheol iad an toiseach gu ruige Ebene, agus as a sin chuir iad rompa gu’n rachadh iad gu ruige Eileanan Chloinn Chaledain. Cha bu luaithe rainig an long Eilean Ebene na chualas ann an luchairt Armanos, righ Ebene, gu’n robh Alsaman, mac righ nan Eileanan, air bord innte. Gun dail sam bith, chaidh Armanos, an righ, agus aireamh mhor de dh’ ard-mhaithean na cuirte, a choinneachadh a’ phrionnsa, agus thachair Badoura riutha aig an laimhrig, agus i ’gabhail air a h-aghart a dh’ ionnsuidh an taighe anns an robh i an duil beagan uine chur seachad. Bha Armanos an duil gur e Alsaman, mac righ nan Eileanan a bh’ innte, agus chuir e failte oirre gu [TD 107] [Vol. 8. No. 14. p. 3] cridheil, o ’n a bha e fhein agus righ nan Eileanan ann an sith agus an cairdeas ri ’cheile. Thug an righ Badoura agus gach aon a bha ’na cuideachd do ’n luchairt far an robh seomraichean deiseil air an coinneamh. Thug e dhi a h-uile urram air an robh i dligheach, agus rinneadh cuirm mhor, ghreadhnach dhi a mhair tri latha. Air a’ cheathramh latha, an uair a thuig an righ gu’n robh Badoura a’ deanamh deiseil gu falbh air a turus, thuirt e rithe, agus e fad na h-uine ann an duil gur e Alsaman fhein a bh’ aige, “Tha thu ’faicinn, a phrionnsa, gu’m bheil mi air fas sean, agus nach ruig mi leas duil a bhith agam ri moran uine tuilleadh anns an t-saoghal so. Agus tha e ’na bhristeadh-cridhe dhomh nach ’eil mac agam a bbios a’ rioghachadh an deigh mo bhais. Tha aon nighean agam, a tha anabarrach maiseach, agus a dheanadh bean dhutsa cho math ’s a dh’ iarraidh tu. An aite falbh dhachaidh, is ann is fhearr dhut mo nighean a ghrad phosadh, agus fuireach ann an so fhein; agus bheir mi fa near righ a dheanamh dhiot ’nam aite fhein gun dail sam bith. Tha uine fhad o ’n a thoisich mise ri rioghachadh, agus tha lan am agam a nis fois a ghabhail. Agus cha b’ urrainn toileachadh bu mho a bhith agam na duine glic, tuigseach, treun mar a tha thusa fhaicinn a’ riaghladh na rioghachd ’nam aite fhein.” (Ri leantuinn.) EACHDRAIDH IAIN FOST. Anns am bheil a dhroch bheatha agus a bhas oillteil air am faicinn; agus cionnus a reic se e-fein ris an Diabhull air son cumhachd a bhi aige fad ceithir bliadhna fichead gach ni a dh’ iarradh e a dheanamh; mar an ceudna nithe iongantach a rinn e le cuideachadh Mhephistopheles. Le cunntas air mar thainig an Diabhull aig ceann nan ceithir bliadhna fichead agus a phronn e Fost ’na mhirean. CAIB I. BREITH IS FOGHLUM AN OLLA FOST; MAILLE R’A THUITEAM O NA SGRIOBTUIRIBH. Rugadh an t-Olla Iain Fost anns a’ Ghermailt. Cha robh ’na athair ach fear-obair bochd nach b’ urrainn ionnsachadh ceart a thoirt d’a mhac Iain; ach bha brathair aige ’s an duthaich ud fein a bha ro bheairteach agus aig nach robh clann e-fein idir. Ghabh am brathair so tlachd ann an Iain, agus chuir e roimhe sgoilear a dheanamh dheth. Chuir e do ’n sgoil e far an d’ ionnsaich e gu h-anabarrach, gu sonruichte Laidionn. Na dheigh so chaidh a chur do ’n Oilthigh a thogail foghluim na diadhachd. Ach cha do chord teagasgan a’ Bhiobuill ri Fost og. Uime sin thug se e-fein suas do nithibh eile anns am bu mhotha bha a thlachd; Druidheachd is Fiosachd; agus ann an uine ghoirid cha robh iad ach tearc a rachabh air thoiseach air anns na h-ealainibh diomhair so. Dh’ ionnsuich e buinn-theagasg a’ chreidimh chriosduidh mar an ceudna; agus air son an fhoghluim so rinneadh e na Olla. Ach goirid an deigh so thuit e ’na leithid do mhac-meamna agus do bhreithneachadh iongantach agus gu’n do chuir e roimhe na sgriobtuirean a thilgeadh uaithe air fad, agus e-fein a thoirt seachad gu h-iomlan do theagasg druidheachd, griosaid, gheasan, ubagan, fiosachd, agus buidseachd do gach seorsa. CAIB II. MAR A GHRIOS FOST A NIOS AN DIABHULL A’ TOIRT AIR TIGHINN ’GA FHAICINN AIG A THIGH FEIN. Lean Fost air foghlum fiosachd a dh’ oidhche agus a latha. Ghabh e aon latha sgiathan iolair agus dh’ fheuch e ri iteagach feadh an t-saoghail air fad, a dh’ fhaotainn a mach ruintean diomhair neimh agus an talaimh. Ann an uine ghoirid bha e comasach air toirt air an diabhull tighinn a nios ’na lathair mar a thogradh e. Bha Fost agus caraid aon latha a’ coiseachd comhla ann an coille laimh ri Wirtemberg ’s a Ghermailt. Bha an caraid air son fiosachd an Olla Fost fheuchainn; agus dh’iarr e air Fost feuchainn am b’ urrainn e Mephistophiles a ghriosadh a nios anns a’ cheart am agus aite ud. Thoilich Fost so a dheanamh. Air ball aig a’ cheud ghlaodh rinn an diabhull a leithid do thoirm anns a’ choille ’s gu’n saoilteadh gu ’n tigeadh neamh agus talamh ’nam prannalach comhla. Rinn an diabhull an sin a leithid do ranaich agus gu’n saoileadh tu gu’n robh a’ choille lan do bheathaichibh fiadhaich. Tharruing Fost an sin cearcal air son an diabhuill; agus thoisich an diabhull air ruith mu ’n cuairt air a’ chearcal so, a’ deanamh fuaim cho mhor agus ged bhiodh deich mile carbad a’ stararaich air urlar-cloiche. Na dheigh so bha tairneanaich is dealanach ann, mar gu’n biodh an saoghal uile air theine. Bha ioghnadh air Fost agus air a charaid do ’n toirm a bha so, agus gu ’n robh an diabhull a’ cur dail ann an tighinn, agus thug iad lamh air an riomball fhagail. Ach ’nuair a mhothaich e so thoisich e ri ceol cho binn ’s nach cuala iad a leithid riamh. Chord so ri Fost cho math ’s gu ’n do thoisich e air Mephistophiles a ghriosadh a nios a rithist ann an ainm prionnsa nan diabhull; agus e a thighinn ’na choslas fein. Air ball bha dragon mor an crochadh os ceann a chinn. Ghlaoidh Fost a rithist air an doigh a rinn e roimhe, agus bha ran anns a’ choille mar gu ’n biodh ifrinn air fosgladh, maille ris gach anam a tha ann an sud an doruinn. Re na h-uine so chuir Fost moran cheist air an diabhull, agus thug e air moran do charan ifrinneil a leigeil fhaicinn. CAIB. III. MAR A THAINIG MEPHISTOPHILES DO THIGH FOST AGUS NA THACHAIR EATORRA. Thug Fost aithne do’n spiorad a choinneachadh aig a thigh ’s a’ mhaidinn an la ’r na mhaireach aig deich uairean. Aig an am shuidhichte thainig e stigh do’n t-seomar a’ feoraich do Fhost gu de a bha dhith air. Thuirt Fost ris gur h-e bha a dhith air gu’m biodh esan umhal dha, a’ tighinn air iarrtus, anns na puincean a leanas: I. Gu’m frithealadh an spiorad air anns gach ni a dh’ iarradh e, o ’n am sin gu am a bhais. II. Gu’n tugadh e d’a ionnsuidh ni sam bith a bhiodh a dhith air. III. Gu’n innseadh e dha ni ’sam bith a bu mhaith leis. Fhreagair an spiorad e, agus thubhairt e nach robh cumhachd aige fein, ach gu’m faigheadh e a mach o’n phrionnsa bha os a cheann. “Tha luchd-riaghlaidh os ar ceann-ne,” thuirt esan, “a tha ’gar cur a mach agus ’g ar n-ordachadh dhachaidh mar a thogras iad; agus cha ’n urrain dhuinn dol ni’s faide na an cumhachd a thugadh dhuinn. Tha an cumhachd so air a thoirt dhuinn le Lucifer a chuireadh a mach a neamh mar a chual thu air son a raiteachais. Ach cha ’n innis mi tuilleadh dhuit gus an toir thu thu-fein seachad dhuinn.” ’Nuair a chual e so thuirt Fost, “Gheibh mi m’ iarrtus? ach bidh mi air mo dhamnadh comhla ruibhse.” An sin thuirt an spiorad, “Cha’n fhaigh thu t’iarrtas is tha thu agamsa, agus cha’n urrainn an saoghal do shaoradh a m’ laimhsa.” An sin thuirt Fost, “Thoir ort! agus tha mi ’gad ghriosad thu thighinn a nios am ionnsuidhsa ’san oidhche.” Chaidh an spiorad an sin a sealladh. Na deigh sud thoisich Fost air smaointeachadh cionnus a gheibheadh e iarrtus, agus anam a ghleidheadh o’n diabhull. Ag obair air na mic-meamna bhronach ud bha Fost a’ feitheamh gus an d’ thainig an oidhche. Dh’ fhoillsich an droch spiorad e-fein a ris do Fhost. Dh’ innis e gu’n d’ fhuair e ordugh o’n phrionnsa bhi umhal dha air cumha e-fein a thoirt dhasan ’s gach ni a dh’ iarradh Fost e a dheanamh. “Gu de tha dhith ort!” thuirt esan. Fhreagair Fost gu’m b’e a mhiann a bhi air a dheanamh ’na spiorad; gu’m biodh e neo-fhaicsinneach do fheadhainn eile; agus gu’m b’ urrainn e-fein gach cruth a thogradh e a ghabhail. Thubhairt an spiorad gu’m faigheadh e iarrtus, ma’n cuireadh e a lamh ris na cumhachan a dh’ iarradh esan. Chaidh Fost a nis a thaoibh agus chuir e sathadh an caol a dhuirn as an do shruth fuil ann ammeis a bh’aige. Ach dh’ fhuaraich an fhuil an tiota a’ toirt rabhaidh dha mu’n ghniomh ifrinneil a bha e dol a dheanamh. Chuir e mhias os ceann nan eibhleag a theasach, na fola agus leatha sgriobh e mar a leanas: AN CUMHNANT RI LUCIFER. “Tha mise, Iain Fost, a ghabhadh a steach a’m Olla san diadhachd, le mo laimh fein ag aideachadh agus a’ toirt fianuis gu’n d’ thug mi mi-fein seachad am’ sheirbhiseach do Lucifer, Prionnsa na h-Airde-Tuath is na h-Airde-’n-Ear; agus gu ’m bheil mi a toirt dhasan gu saor agus gu toileach araon m’ anam agus mo chorp re ceithir bliadhna fichead air chumha gu ’m fritheil esan ormsa anns gach ni a dh’ iarras mi; aig ceann na h-uine so tha mi toirt dha comas deanamh rium a reir a thoil, m’ anam no mo chorp a ghiulan no a shrachdadh mar thogras e: Le so tha mi toirt dulan do Dhia agus do Chriosd, agus do fheachd nan aingeal agus do gach spiorad math air am bheil a chruth no iomhaighsan ri’m faicinn. Agus a dheanamh a’ chumhnainte so ni’s laidire sgriobh mi e le m’ fhuil, a’ cur m’ ainm ris, agus a’ gairm uile chumhachdan na h-ifrinn a thoirt fianuis air mo run ’s a’ chordadh so. IAIN FOST. CAIB IV. NA THACHAIR RI FOST AN DEIGH DHA A LAMH A CHUR RIS A’ SGRIOBHADH. ’Nuair a bha an sgriobhadh deas thug Fost e do Mephistophiles. Rinn Fost moran nithe iongantach air ball. Chuir e as do leoghann, thug e air tarbh dannsadh, agus air ceudan do spioraid toiseachd ri ceol agus ri dannsadh ’na lathair. ’Nuair a bha ’n ceol seachad chunnaic Fost deich bagaidhean airgid laimh ris. Thoisich e air an reic, ach cha b’ urrainn e; oir bha iad cho teth ’s nach b’ urrainn duine laimh a chur orra ach e-fein. Chord gnothuichean ri Fost cho math ’s gu’n do ghabh e-fein agus an spiorad comhnuidh comhla gu toilichte. Bha an diabhull fein leo ’na uairean ’nan gleidheas-tighe; ’s bha bhlath ri fhaicinn. Roimh so gheibheadh na bochdan rud; ach tha chuis air atharrachadh a nis. CAIB V. MAR A RINN FOST AIR DIUC BHABHARIA. ’N uair a chuala a chairdean agus a choimhearsnaich gu’n do reic Fost anam ris an diabhull cha tigeadh iad a choir; oir bha e air sgaoileadh a mach nach robh aige do thlachd ach spiorad a bha leis a ghnath a’ deanamh gach gne luthchleas a bu mhiann leis. Bha Diuc Bhabharia a’ fantuinn laimh ri tigh Foist. Fagus do’n Diuc bha mar an ceudna Diuc Shacsoni, agus Easbuig Shalisburgh. Bhiodh Mephistophiles a’ dol do thighean nam feadhainn so agus a toirt leis as an seomraiche dibhe gach ni a b’ fhearr a gheibheadh e. Thug Diuc Bhabharia aon la cuireadh do uaislibh na duthcha gu dinneir. Agus air an son dh’ ullaich e pailteas do gach seorsa bidh. ’Nuair a thainig na h-uaislean agus a bha iad deas gu suidhe sios, dh’ iadh (Air a leantuinn air taobh 110.) [TD 108] [Vol. 8. No. 14. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OCTOBER 13, 1899. AN TRANSVAAL. Tha e coltach nach eil doigh air cuisean a shocrachadh anns an Transvaal gun chogadh. Tha riaghladh na coimh-fhlaitheachd bige sin o chionn mhiosan air ais a cur dail anns gach doigh reiteachaidh a chuireadh Breattunn m’an coinneamh; cha bu luaithe thigeadh iad air faisg air a bhi aontaichte ri cumhachan Bhreatunn, na rachadh iad car ais mar a bha iad roimhe. Tha e ri fhaicinn gu soilleir a nise gur ann a bha’n Transvaal mar sin air son fuireach o thighinn gu cordadh; nach robh toil sam bith aice na bha Breatunn ag iarraidh orra a dheanamh, agus gu robh e air son Breatunn a chur thuige cho mor ’s gu feumadh i a cheud buille bhualadh. Ach cha dean dail call sam bith a chur air Breatunn; gach latha tha dol seachad, tha aireamh a cuid shaighdearan aig criochan an Transvaal a dol am meud; tha armailt aice ann cheana na’s mo na bha aig Wellington ann an cogadh Bhonaparte. Agus air an laimh eile ’s ann a dol na’s laige gach latha bhios armailt an Transvaal. Chuir Cruger litir a dh’ ionnsuidh an riaghlaidh Bhreatunnaich an la roimhe a tha gle choltach a dol a bhi na meadhon air cogadh a thoiseachadh. Cha’n eil fhios nach bi sin air a dheanamh mum bi so fa chomhair ar leughadairean; ach gus an brist an cogadh a mach bi dochas ris a chuis a reiteachadh gu sitheil. Tha Dreyfus a nise’na dhaoine saor; fhuair e mathanas o Loubet, Riaghladair na Frainge; rinneadh trocair air ged a chaidh ceartas a dhiultadh dha. Cha’n eil a chairdean, air son sin, a dol a stad gus am faigh iad a chas a chur air beulaobh curtach a bheir ceartas dha, agus a bheir a mach mar bhreith nach robh e ciontach de na bhatar a cur as a leth. Tha Drefus bochd gun chothrom moran a dheanamh air a shon fhein, oir leis an diol a bh’ air fad nan coig bliadhna chaidh seachad, bhrist air a shlainte. Tha e dol a dheanamh a dhachaidh ann an ceann a deas na Frainge. Tha daoine ’s paipearan ’ga leigeil as an aire gu mor seach mar a bha iad. Tha iad a nise buileachadh moran dh’n cuid seanchais air reisean nam birlinnean, agus troimhe cheile ’n Transbhaal. Cha’n eil teagamh nach fhaodar a bhliadhna so a chunntas mar bhliadhna gle shoirbheachail ann an eachdraidh Chanada. Innsidh na bancaichean-caomhnaidh sin. Anns na bliadhnaichean bochda chaidh seachad b’ abhaist do ’n airgead a bhiodh aig sluagh Chanada anns na bancaichean-caomhnaidh a dhol am meud mu shia muillein dolar ’sa bhliadhna. Bliadhna mhath rachadh e mu dha mhuillein deug am meud. Ach thug a bhliadhna so leum fad air thoiseach air sin; anns an da mhios dheug a chaidh seachad, chaidh corr us ochd muillein deug dolair ($18,655,000) ris an t-suim. Gailig an Graniteville. Tha aireamh mhor de Ghaidheil ann an Graniteville, an staid Vermont, far am bheil obair mhor chlachaireachd a dol air adhart. Fad aireamh mhiosan am bliadhna bha searmon Gailig aca anns an eaglais chleirich a h-uile latha Sabaid. B’e ’n searmonaiche bh’ aca Mr. Uilleam Moireastan, foghlumaich og a mhuinntir Cheap Breatunn air am bheil moran de’r leughadairean eolach. Bha ’n searmon Gailig ann ’sa mhaduinn, agus searmon Beurla feasgar. Bha luchd na Beurla air son an canain fhein a bhi ann ’sa mhaduinn, ach cha’n fhuilingeadh na Gaidheil sin idir. Tha aireamh dhiubh a mhuinntir Cheap Breatunn, ach tha chuid is motha dhiubh a mhuinntir Chuebec, agus tha iad anabarrach dileas d’an canain. Ged a tha Beurla am pailteas aca, cha chluinnear ach gann facal dhi nam measg eadar da cheann an latha; tha iad daonnan air son a bhi cleachdadh an cainnt fhein, agus cha taobh iad ri Gaidheil sam bith nach eil dhe’n aon inntinn riutha ’san ni sin. Chuir an neach a thug am fiosrachadh so dhuinne, greis uine seachad ’nam measg, agus tha e ’deanamh moladh mor orra, mar dhaoine coire, stuama, nach cuir dragh air duine nach cuir dragh orra. Tha aon cheatharnach ’nam measg, Niall D. Mac Iomhair, a bhios gu tric a cosnadh nan duaisean a’s fhearr aig na cleasan Gaidhealach am Montreal ’s am bailtean mor’ eile. Cha’n eil cuimhn’ aige gu’n do bhlais e riamh ti no deoch laidir. B’fhearr gu robh na Gaidheil uile coltach ris anns an doigh sin. Oige ’n Eich Iaruinn. Bha na leanas air a sgriobhadh anns a bhliadhna 1829, ’nuair a bha ’n carbad iaruinn ’na oige, agus gun a bhi idir cho cumanta ri fhaicinn no cho laidir gu tarruinn ’sa tha e an diugh. Tuigidh an leughadair uaithe so an t-atharrachadh agus an t-adhartas mor a thainig air an t-saoghal anns na bliadhnaichean a chaidh seachad o’n uair sin. Tha aon fhaisneachd air a dheanamh leis an sgriobhadair a thaobh nan each nach eil air a coilionadh fhathast; cluinnear an fhaisneachd cheudna ’ga deanamh air an latha ’n diugh, nach ruith moran bhliadhnaichean gus am bi an t-each gun fheum sam bith air, ach tha sinn a’ creidsinn gu bheil i cheart cho fad o bhi air a coilionadh ’sa bha i aig an am ud. Tha ’n t-each ’na sheirbhiseach ’s na charaid ro mhath do’n duine gu bhi air a chur air chul leis. Chuireadh iongantas mor air an Duthaich ’nuair a fhuaradh a mach an t-innleachd leis a’ bheil Loingeis, agus soithichean a’ gluasad fo chumhachd teine; agus an uair a thoisich iad ri magaran eadar Glaschu agus Grianaig, is beag a shaoil sinn gu’n gabhadh iad de dhanadas, bliadhna no dha na dheigh sin, an cuan mor a thoirt fo’n ceann, agus seoladh gu neo-sgathach eadar na rioghachdan is faide o cheile. ’Nuair a chuala sinn daoin’ a’ labhairt m’an innleachd cheudna arson charbadan, agus Feunaidh mhor chudthmroach, rinn sinn gaire fanoid uime, mar nach biodh ann ach spleadhraich, ach fhuaradh a nis a mach an doigh chum so a dheanamh, ann an iomlaineachd ris nach robh fiughair againn fhaicinn anns an linn so. Tha innealan toit air an deanamh air an fhoghar ’a dh’ fhalbh de sheors ur, a thairngeas luchd mor nan deigh, le luas anabarrach, agus leis an tearuinteachd is mo. Tha aon ri fhaicinn air an am so ann an Sasunn, nach ’eil moran os ceann leth tunna air cudthrom, a thairneas da-fhichead tunna na dheigh, agus a shiubhlas leis a chudthrom so ceithir-mile deug san uair. ’Nuair nach bi cudthrom co mor na dheigh falbhaidh e os ceann deich-mile-fichead san uair, air an t-seorsa rathaid a tha air uidheamachadh air a shon fein. Tha na h-inneil so co innleachadh ’s nach ’eil e comasach gun sgain an t-ait anns a bheil an t-uisge goileach, agus tha am barrachd cumhachd aig an fhear a bhios air an stiuir air carbad na smuide, seach na th’ aig’ fear-greasaidh nan carbad eile leis na h-eich is caillaiche. Is urrainn da stad a chur air ann am prioba na sul, agus theid e m’an cuairt air rathad mor a tha deich troighean air leud. ’S e ’n connadh a th’ aca air a shon gual air a losgadh ann an slochd fo thalamh, agus air a bhathadh le uisge connadh a tha eatrom ri ghiulan, air bheag tomaid, agus ro chumhachdach chum an deathach a thogail. Giulainidh carbad na smuide de’n chonnadh so na dh’ fhoghnas da a dheanamh leth cheud mile, agus cha’n fheum e leasachadh uisge ach uair san fhichead mile. Ma shoirbhicheas leis an innleachd so mar tha duil aig daoine, cha ’n fheumar each as a mhile de na tha ’n greim san am so; agus is soirbh fhaicinn na bhitheas de lon ri sheachnadh do’n chinne-daonna, a bha dol a bheathachadh nan each. Is iomchuidh dhuinn innse gu bheil na rathaide-mor air a’ bheil na carbadan so a’ gluasad air an uidheamachadh air mhodh araidh air an son fein, agus gu bheil an t-slighe air an ruidh na rothan air a leagadh le h-iarruinn. Tha na daoin’ innleachdach a thur na carbadan so a’ feuchainn ris an acfhuinn so charamh ri soithichean na smuide; agus ’se barail dhaoine gun soirbhich leo. Agus bithidh so na shochair mhor a chionn gum bi i ni ’s cumhaichdiche agus ni ’s tearuinte, nach bi feum aig na soithichean air na h-uiread ghuail a chur a stigh, an ni bu mho a bha nan aghaidh air turusaibh fada. A dh’ innse na firinn cha ’n fhios duinn c’ait an stad na h-innleachdan so; ach thig atharrachadh air na rathaide-mora anns a Ghaeltachd m’am bu mhiann leinn an tadhall ann an carbad na smuide. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Ailean Domhnullach, Amhuinn a Bhradain. Am Post-mhaighstir, Rathad Shalem. F. Mac Gill-fhinnein, Victoria Line. A. Mac Fhearghais, Loch Lomond. Niall D. Johnson, Nyanza. Gilleasbuig MacGilleain, Kennington Cove. M. I. Mac Neill, Boisdale. D. I. Mac Neill, Shenacadie. Iain Mac a-Bhiocair, Catalone. Domhnull Mac Neacail, Catalone. A. D. Mac Gill-fhinnein, Whitney Pier. Calum Domhnullach, Tairbeart. D. I. Mac Aonghais, Rathad Horne. E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis. Aonghas Domhnullach, am Bagh an Ear. An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne. Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien. An t-Urr. D. MacEamuinn, Pomquet, N. S. Iain C. Domhnullach, Ardness, N.S. Donnacha Johnson, Pictou, N.S. Mairearad Dhomhnullach, The Falls, N.S. Bean I. D. ’Ic Gille-bhrath, Bailey’s Brook. A. R. Domhnullach, Albany, N. Y. D. R. Mac Eachainn,, Boston, Mass. S. D. Domhnullach, Wallace. Idaho. Donnacha Mac Mhannain, Ivanhoe, Mich. Niall D. Mac Iomhair, Graniteville, Vt. Alasdair Ceamp, Waipu, New Zealand. Iain Rothach, Waipu, New Zealand. [TD 109] [Vol. 8. No. 14. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha gach seorsa barra ann an Eilean a Phrionnsa anabarrach math air an fhoghar so. Cha tainig gaiseadh de sheorsa sam bith ann. Cha robh barr na b’fhearr ann o chionn corr us fichead bliadhna. Chaidh an dithis dhaoine chuireadh an sas ann an Guysboro air son soithichean a chur as an rathad gus an t-airgiod urrais fhaotainn, a thoirt gu cuirt air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuaireadh ciontach iad. Thugadh sia bliadhna dhe’n tigh-obrach do gach fear dhiubh. Thatar a meas gu robh muillein de dhaoine a aiteachan eile ann a New York ’nuair a bhatar a cur failte air an Admiral Dewey, air dha tighinn dhachaidh, agus gu’n deachaidh fichead muillein dolair a chosg ris gach upraid us cuirm a bh’ aca ri linn. “Cha dean an t-ol ach am fear dh’fhaodas.” Tha an t-siorrachd an deigh stoc calcais fhaotainn air son obair a chumail ris an fheadhain a tha anns a phriosan. Chaidh ordugh a thoirt seachad an cumail aig obair air piocadh a chalcais toiseach na seachdain s’a chaidh. Air an doigh sin, theid aig na priosnaich air roinn mhath airgeid a chosnadh, agus bidh uallach luchd-paighidh na cise anns an t-siorrachd beagan na’s aotruime. Bhuineadh Domhnull Caimbeul, a chaochail an so Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh le goirteachadh a fhuair e coig latha roimhe sin, do Carribou, an siorrachd Phictou. Bha e tri fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois, agus bha e ’na bhantraich o chionn fhichead bliadhna. Bha e ’na thuathanach air a dheagh dhoigh, agus b’ainneamh leis a bhi ’g obair air falbh o’n tigh. Cha robh duil aige obrachadh an so ach aon lath’ eile mu’n rachadh e dhachaidh. Tha chomhairle a bha air a suidheachadh air son na comhstri mu’n chrich eadar Breatunn ’s Venezuela a shocrachadh, an deigh a breth a thoirt seachad mu dheireadh thall. Cha’n eil aon chuid Breatunn no Venezuela a faotainn na bha iad ag agairt, ach tha Breatunn a faotainn a chuid a’s motha dhe’n fhearann mu’n robh ’n aimhreit. ’Se na Staidenn a chuir mu dheibhinn a chomhairle so shuidheachadh, agus tha aca nise ri toirt air Venezuela bhi leagte ris a bhreith, rud ma dh’ fhaoidte bhios na ’s doirbhe dheanamh na bu mhiann leotha. Tha tim-chlar an rathaid iarruinn ri bhi air atharrachadh Di-luain s’a tighinn. Bidh an carbad a fagail a bhaile so aig deich mionaidean an deigh seachd ’sa mhaduinn, agus a tilleadh aig cairteal gu naodh feasgar. Tha so gu math na’s fhearr na mar a bha e ruith geamhraidhean roimhe so, agus bheir e riarachadh do mhuinntir an da Shidni nach d’fhuair iad fhathast. Tha atharrachadh eile air a dheanamh; cha’n eil aig a charbad ri dhol a stigh gu Sidni Tuath idir, ach tha carbad as a bhaile sin ’ga choinneachadh gach maduinn us feasgar aig an junction. Ni sin giorrachadh math air an turus do neach a bhios a falbh a Sidni. Bha Oliver agus Murchadh Buckley, an dithis a chaidh a glacadh ann an Sidni air son goid each, air am feuchainn air beulaobh a bhreitheamh Dodd ann an Arichat, agus fhuaireadh ciontach iad. Thugadh tri bliadhna ’n urra dhe’n tigh-obrach dhaibh. Bha stoirm mhor uisge ann oidhche Di-haoine s’a chaidh, stoirm cho trom ’sa thainig o chionn fhada. Rinneadh call nach bu bheag ann an caochladh aiteachan; faisg air Truro, bha ’n tuil cho mor ’s gu’n deachaidh dama mhor a chosg deich mile dolair a sguabadh air falbh. Tha mu dha cheud gu leth soitheach Frangach ag iasgach gach bliadhna mu chladaichean Newfoundland us St. Pierre. Bha an t-iasgach gle mhath air an t-samhradh s’a chaidh, agus tha na Frangaich a cur rompa tuilleadh shoithichean fhaotainn air son iasgach na bliadhna s’a tighinn. Bha lan dhuil o chionn ghoirid gu robh obair iarruinn ri bhi air a cur air chois ann an Sidni Tuath. Ach a nise, o’n thoisich a’ chuideachd a bha dol ’g an cur air adhart air fuirneis eile thogail anns an New Glasgow, tha muinntir Shidni Tuath a call am misnich; na’m biodh duil aig a chuideachd tighinn air imrich do Cheap Breatunn ’s gann gu’n toisicheadh iad air meudachadh nan obraichean far am bheil iad. Tha Dior-daoin s’a tighinn air a chur air leth leis an ard riaghladh air son Latha Taingealachd. Tha an latha mar sin ri bhi air a chumail mu mhios na’s traithe na b’abhaist e bhi air a chumail anns an duthaich so. Tha so air a dheanamh air iarrtus moran de’n t-sluagh, a bha dhe’n bharail gu robh e mi-fhreagarrach an latha fhagail gu fior dheireadh an fhoghair, nuair a bhios side fhluich is droch roidean ’ga dheanamh eu-comasach do dhaoine a chumail mar bu mhath leotha. Thainig bas muladach air boirionnach ann a Framboise, bean Iain Mhic-an-Toisich, Di-luain, an dara latha dhe’n mhios so. Bha i fhein us ogha dhi, Bertie Cann a Fourchu, a dol tromh choille mu dha mhile o’n tigh; thuit e agus anns a mhionaid bha i gun chainnt. Ruith an gille dh’ iarraidh cuideachaidh, ach bha an tigh a b’fhaisge mu mhile uaithe, agus mu’n d’fhuaireadh carbad dh’ionnsuidh an aite ’san robh ise, chaochail i. Tha e coltach gu’m b’ e tinneas a chridhe a thug a bas. Bha meas mor oirre aig na h-uile, agus chuir a bas cianail mulad mor air na coimheasnaich. Ruith an Columbia ’s an Shamrock tri latha air an t-seachdain s’a chaidh, Di-mairt, Dior-daoin ’s Di-satharna, ach cha bu reis i latha seach latha, oir bha ’n soirbheas cho lag ’s nach b’ urrainn dhaibh an cursa chriochnachadh anns an uine bh’ air a chur m’ an coinneamh. Di-mairt air an t-seachdain so bha ’n ceo cho dumhnail ’s nach do ruith iad idir. Ged nach d’ fhuair an Shamrock fhathast cothrom air a luaths a nochdadh, tha i ’n deigh a leigeil fhaicinn gu bheil i fad air thoiseach air na birlinnean a thainig a nall a Breatunn bliadhnaichean roimhe; tha i ’n deigh eagal gn leor a chur air na Geancaich gu’n teid aice air an reis a chosnadh agus an cupan a thoirt air falbh leatha. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. INNEALAN GIULAN dhe gach seorsa AIR AN DEANAMH RI ORDUGH. GHEIRH CRUIDHEADH EACH AIRE SHONRUICHTE. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. A TUATH AIR AN TEMPERANCE HALL. South Charlotte St., Sidni. Moran, Moran DE GACH SEORSA SHOITHICHEAN CREADHA. Tumblers—40 cts. an dusan—an luach airgid is fhearr air an t-saoghal. Soithichean Ti—geal agus or—le pitsear uachdair Sina air $2.40. J. C. Mills, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 110] [Vol. 8. No. 14. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 107.) Mephistophiles mu’n cuairt agus sgriob e gach ni a bh’ ann leis. Bha na daoine lan do ioghnadh. Ach cha robh comas air a chuis. Sud mar a rinn Fost air an Diuc. ’N uair a bu mhath le Fost eunlaith fhaotainn an itheadh, bheireadh Mephistophiles sgaothan do eoin steach air an uineig. Theagaisg an spiorad dha mar an ceudna doigh air nach b’ urrainnear le glais no iuchair an eunlaith a chumail a mach. Bha comas aig Fost fein mu dheireadh air itealaich far am b’ aill leis, a bharr air moran do nithibh neonach eile air nach ’eil againn uine an drasd a bhi ag innseadh. CAIB VI. MAR A BHRUADAIR FOST ’NA CHADAL AIR IFRINN AGUS NA CHUNNAIC E AN SUD. Bha Fost agus an spiorad aon la a’ conaltradh treis mhor mu thuiteam Lucifeir agus mu staid nan ainglean a thuit leis. Chunnaic Fost ann an aisling ifrinn agus na diabhlan agus na h-anaman a tha ’g am pianadh an sud. Bha ifrinn air a roinn ’na chuirtean no na thuill bheaga dhomhain. Aig gach toll dhiubh so bha diabhull air a shuidheachadh a pheanasachadh na bha air an cur fo a riaghladh. Dh’ fheoraich Fost do ’n spiorad gu de an fheadhainn a bha anns a’ cheud toll. Thuirt an spiorad gu’n robh an fheadhainn a bha leigeil orra gu’n robh iad ’nan lighichean, agus a phuinnseanaich gu bas moran mhiltean troimh fhoill ’s troimh aineolas. Tha iad a nis ag ol nan cungaidhean ud iad fein ach cha bhasaich iad a chaoidh. Bha sgilp os an ceann air an robh poitean lan do phuinnsean agus do mheasgachadh marbhtach. Thainig iad an sin gu fosgladh caol fada dorcha anns an robh moran shnagairean. Dh’ innis an spiorad do Fhost gu ’m b’e meairlich is luchd-spiolaidh phocaidhean a bha an sud. An deigh dol seachad air ioma seorsa eile thainig iad gu dorus mor cuirt as an robh sgairich oillteil a’ tighinn. Dh’ innis an spiorad dha gu’m b’e buidsichean a bha a stigh an sud, agus mar an ceudna an fheadhainn a bha a’ cur mar fhiachamh gu’n robh iad ’nan naoimh anns an t-saoghal eile; agus is ann aca a bha an upraid agus an spionadh air a cheile! Rud beag sios uathasan bha luchd siursachd is adhaltrannais, agus iad ri sgarnaich ghraineil; chuir iad Fost air chrith. A’ dol sios ceum no dha eile chunnaic iad sluagh mor leth fholaichte ann an ceo ’s an smuid. Dh’ innis an spiorad dha gu’m b’e muilleirean agus fuineadairean a bha an sud; agus ’s ann aca fein a bha an toirm! Na muilleirean a’ ranaich ris na fuineadairean agus na fuineadairean ris na muilleirean air son cuideachaidh, ach cha robh cobhair ri faotainn. A’ dol beagan ni b’ fhaide chunnaic iad miltean do mharsantan, cuid diubh a dh’ aithnich Fost. Bha iadsan air am peanasachadh air son na foill a rinn iad air luchd ceannaich. Na dheigh so thug an spiorad leis Fost air a’ ghualainn, agus dh’ fhag e ’na thigh fein e. ’N uair a dhuisg e agus ioghnadh mor air mu ’n bhruadar thoisich e air feoraich do ’n spiorad gu de an t-aite bh’ ann an Ifrinn. Fhreagair an spiorad, “Nach ’eil fhios agadsa nach robh ifrinn idir ann roimh thuiteam Lucifeir, ach ’n uair a thuit esan dh’ orduicheadh ifrinn. Cha ’n aithne eadhon do dhiabhlaibh mar a tha mise gu de an stuth dheth’m bheil ifrinn air a dheanamh; ach ’s e fearg Dhe a thoill sinne a tha ’ga dheanamh cho uamhasach. Cho fhad agus is aithne dhuinne gheibh thu fein a mach ’n uair a thig thu leinn ciod e ifrinn agus cionnus a tha e air a riaghladh.” (Ri leantuinn.) AN D’ THAINIG NA GAIDHEIL AN IAR ROIMH AM NA DILE? III. RUN AGUS FARSUINNEACHD NA DILE. Tha chuid is mo do dhiadhairibh maille ri luchd-ealain ag aideachadh a nis nach robh an Dile a’ comhdachadh aghaidh na talmhain gu h-iomlan. Tha iad ag radh nach robh e feumail gu ’m biodh sgaios tuileil ’s am bith air a thoirt air cearnaibh anns nach robh daoine a chomhnuidh. Nach robh e feumail mar so a thaobh run Dhia gu’m biodh an tuil uile-fharsuinn. A ris ri taobh so tha e soilleir a reir a’ chunntais a tha againn air meud na h-airc nach b’ uraainn dithis do gach creutair beo air thalamh a bhi air an gabhail a steach innte. Tha an aireamh diubh so air am bheil eolas mionailteach a’ toirt cunntais dhuinn a nis cho mhor, agus gach latha a’ fas, ’s gu’m biodh e tur mi-reusonta a smuainteachadh gu ’n d’ fhuair iad aite ’s an airc. Ach chi sinn nach ’eil aobhar araidh ’s am bith a bhi cumail a mach gu ’m feumadh iad uile a bhi innte. ’N uair a sheallas sinn ri run modhannail no crioch shonruichte na Dile, gheibh sinn, a reir mo bheachdsa mineachadh riarachail air a’ chuis. Tha run Dhia ann a bhi toirt sgrios air an t-saoghal leis an Dile air dheanamh gle fhoillsichte. Chunnaic Dia iomchuidh, agus feumail d’a righladh modhannail air daoinibh, gu ’m bu choir peanas a dheanamh air an aingidheachd uamhasaich ud a thainig an lorg a’ chomh-cheangail mhi-naoimh agus mhi-nadurra a rinneadh eadar sluagh sonruichte Dhe fein agus a’ mhuinntir a bha an taobh a mach do chrioch an fhior chreidimh agus aoraidh. Ghabh mic Dhe nigheana dhaoine d’ an ionnsuidh an aghaidh a’ chleachdaidh agus na h-aithne. Tha an leithide sud do chuingibh mi-naomha air an diteadh (Air a leantuinn air taobh 111.) Seacaidean Cotaichean Deiseachan Deante DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN. Curraichdean Ceannabharan Deiseachan Miotagan DO ’N CHLOINN. AIG J. C. MILLS, SIDNI, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! [TD 111] [Vol. 8. No. 14. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 110.) o thoiseach gu deireadh a’ Bhiobuill; agus gheibh sinn gu bheil Dia a fiosrachadh air doigh ro gheur an toraidh uilc a thig na deigh sud. Sgriosadh bailtean a’ chomhnaird air son aingidheachd a bha car do shamhuil sud; agus a ris air son gu’n robh iad cho fagus do shluagh sonruichte Dhia fein. Chi sinn mar so gur h-ann a chronachadh aingidheachd agus a bhacadh a fais a tha Dia a’ tighinn gu h-uamhasach aig amanna araidh le dioghaltas air peacadh; agus mar an ceudna a ghlanadh oighreachd fein agus an gleidheadh cuimhneachail air an crioch neamhaidh. Ann a bhi a’ sealltuinn air run Dhia anns an daimh so chi sinn nach ’eil e, air a’ chuid is lugha, mi-reusonta a bhi ag altrumas a’ bheachd nach ruigeadh Dia a leas gach treubh air thalamh a sgrios a dhion no dh’fhirineachadh a cheartais no a dheadh riaghlaidh am measg dhaoine. B’ urrainn e, agus rinn e gu tric, a chliu agus a cheart uachdranachd fhoillseachadh agus a dhearbhadh le laimh a bhreitheanais a leagadh air ceairn no cuid gun no h-uile bhi air ghabhail a steach ann an sguib a dhioghaltais. A thaobh teaghlach a’ chumhnaint am measg am feum e ghnath fianais a bhi aige dha fein, tha e soilleir cionnus a bhiodh e iomchuidh agus ceart labhairt air sgrios na dile mar bhreitheanas a ghabh gach beo ’na luib,—aig an robh na h-uile ach Noah a mhain agus a theaghlach an glaic. Agus fo bhuaidh sgriosail slat an doighaltas mar an ceudna thigeadh na treubhan a b’ fhaisg do shluagh a’ gheallaidh; do bhrigh agus gu’n robh iad ’n am buaireadh agus nan ceap-tuislidh dhoibh. Dh’ fheudadh Maois sealltuinn agus labhairt air teaghlach a’ chumhnaint mar a’ teachd fo sgrios uile-fharsuinn a’ gabhail a steach nan uile. Feudaidh na facail, “an saoghal uile” a bhi air an tuigsinn ann an seadh cumhann mar dh’ fheumar a dheanamh a thaobh cuid eile do’n Bhiobull. IV.—CODHUNADH. Mhineachadh am beachd so mu fharsuinneachd na dile cionnus a bha moran sloigh a rainig air airde ealain is innleachd ri fhaotainn anns an Eiphit cho trath ri am Abrahaim. Dheanadh e mar an ceudna ni ’s so-thuigsinn cionnus a gheibhear luchd-aiteachaidh, cho fhad agus a tha eachdraidh a’ dol, ann an cearnaibh eug-samhuil na talmhain; mar an ceudna an ni iongantach gu’n robh siol naistneach do dhaoinibh anns gach duthaich a fhuaradh a mach riamh fathast Bhiodh e ni b’usa ceud aiteachadh na Roinn-Eorpa a thuigsinn a reir a’ bheachd so; agus mar an ceudna an t-am trath aig an d’ fhag na Gaidheil an airde-’n-ear, agus a thriall iad troimh chearnaibh deas na h-Eorpa, anns an robh iad uine mhor roimh eiridh na Greige agus na Roimh. Bhiodh an triall no an cuairt troimh ’n Ghreig agus troimh ’n Eadailt aig an aon am anns an robh an Eiphit ’n a seis; agus anns an robh na h-Iudhaich no na h-Eabhraich a’ fas ’n an cinneach. Dheanadh am beachd so mar an ceudna ni bu choslaiche cionnus, mar tha Greugaich ag innseadh dhuinn, a bhiodh e comasach do Fheallsanach Druidhneach o na h-Eileanaibh Tuathach so,—the hyperborean philosopher,—dol a dh’fhaicinn na sgoil fheallsannaich ’s a’ Ghreig air an robh Pythagoras ’n a cheann. Bha meas mor aig na Greugaich theuma air an eolas agus air an fheallsanachd a nochd Abaris a bhi aige. Is tha e gun teagamh iongantach cionnus a b’ urrainn fear cho foghluimte dol as na h-Eileinibh so cho trath ri se ceud bliadhna roimh theachd Chriosd, agus aon seachd ceud bliadhna roimh ’n am anns an robh Fionn is Oisein beo. Ann an solus nan nithe so mar an ceudna tha e ni ’s usa a chreidsinn agus a thuigsinn gu de mar a bha tuir dhion nan Gaidheal agus an clachaireachd ag amharc aosda ri linn nan Romanach. Tha mi a nis a’ fagail na cuis so agus mo bharailean fein mu dheibhinn aig feadhainn eile aig am bheil theagamh fradharc is faide agus is geire. Ach their mi fathast gu feud e an deigh so a bhi air a dhearbhadh air bonn firinn nach e sgeulachd tur gun toinisg a bh’ ann an uaill Mhic-Neill Bharra, Nach robh esan an eiseimeil airc Noah, gu’n do sheachain e an tuil ’n a dheadh Bhirlin fein! SEANN RAMH. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. Am Feillire. OCTOBER, 1899. 1 DI-DONAICH XIX. Donaich na Caingis. 2 Di-luain La na Leargainn, 1263. 3 Di-mairt La Allt Chuailleachain, 1594. 4 Di-ciaduin Bas Ruiseart Heber, 1833. 5 Dior-daoin La Dhunchaillinn, 1312. 6 Di-haoine [7] Bas Bhurgoyne, 1871. 7 Di-satharna [8] Losgadh Chicago, 1870. 8 DI-DONAICH XX. Donaich na Caingis. 9 Di-luain Bas Iain Chuimein, 1305. 10 Di-mairt Breith Uisdean Muilleir, 1820 11 Di-ciaduin Bas Raibeart Kerr, 1813. 12 Dior-daoin Faotainn America, 1492. 13 Di-haoine 14 Di-satharna 15 DI-DONAICH XXI. Donaich na Caingis. 16 Di-luain Losgadh na Parlamaid Breatunnaich, 1834. 17 Di-mairt 18 Di-ciaduin An fheill Lucais. 19 Dior-daoin 20 Di-haoine Comhairle Aird-Thoirnis 1461 21 Di-satharna [20] Buaidh nan Gaidheil Gordonaich aig Dargai, 1897. 22 DI-DONAICH 23 Di-luain Eiridh Thearlaich I., an Eirinn, 1641. 24 Di-mairt 25 Di-ciaduin 26 Dior-daoin Breith Eanruig Chochburn, 1779. 27 Di-haoin 28 Di-satharna An fheill Simeon & Iuda. 29 DI-DONAICH XXIII. Donaich na Caingis. 30 Di-luain 31 Di-mairt Oidhche Shamhna. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 4, U. 3, M. 0 F A Cheud Chairteal L. 12, U. 1, M. 56 M An Solus Lan L. 18, U. 5, M. 51 F An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 5, M. 26 M A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 112] [Vol. 8. No. 14. p. 8] Tuireadh Le nighinn oig an deigh a leannain, a mharbhadh le a n-athair ’s le ’braithrean. Ged is grianach an latha, Is beag m’ aighear, ’s mor m’ eislein; Ged is grianach, &c. Mu Mhac Dhughaill Mhic Ruairidh, Fear nach gluaiseadh dha-dheug e; Ri bhi cuimhneach’ mo leannain, Cha bu ghreannach air feill thu. ’S math a thigeadh an t-suaineach dhuit Air uachdar do leine. ’S gur a math thigeadh balg dhuit Agus calg a bhruic leith air; Agus bogha de ’n iubhar ’Chuireadh siubhal fo gheur ghath; Crios de leathar nan aighean, Ceann leathann ’s deagh ghreim air. Agus claidheabh geur tharad, Is neul fala gu dheis air. Mile mallachd do ’n bhuachaill’ ’Chaidh a chuairteach’ na spreidhe; ’Chaidh a dhusgadh nan abhag Greis roimh ’n latha gheal ghreine. ’S ann am bealach a gharaidh ’Fhuair mo ghradh-sa ’chiad eislein. ’S i mo ghradh do chas luthmhor ’Chaidh gu ’glun anns an fheithe. ’S ann an sin a bha ’n triuir ort, Is cha d’ fhuair thu riamh eirigh. ’S truagh, a righ, nach robh mis’ ann Is tri fichead fear treubhach; Chuirinn sgaoileadh ’nam bhraithrean, ’S dheanainn ar air luchd m’ eislein, Mu ’n do chuir iad t’ fhuil bhruite ’Sios air urlar do chleibhe; Mu ’n robh fuil do chuirp chiurrte, ’Ghaoil, a druthadh fo d’ leine. Gur a diombach mi ’m’ mhathair, ’S i a naraich bho m’ cheil’ mi. Is cha bhuidhe mi ’m’ athair, ’S tric e ’gabhail droch sgeul’ orm. ’S truagh nach mise bha ’n Sasunn, No air machair na Beurla, Mu ’n do chuir mi riamh bac ort, Air moch maduinn ’s tu ’g eirigh. Fhad ’s a bhios mi ’san t-saoghal, Bidh mi smaointinn mu d’ dheibhinn; Bidh mo chridh’ ann an gaol ort, ’Fhiurain fhaoilidh, oig, cheutaich. Ailein Donn. ’S fada bho na dh’ fhalbh mo leannan, Fear ’chuil dualaich, chuachaich, channaich. Ailein Duinn, o hi o ug oireann o, Hiuru i riag o, hi u ug oireann o. Fear ’chuil dualaich, chuachaich, channaich, ’S guirme suil ’s a’s caoile mala. Tha do ghruaidh mar chaoran meangain; Tha do dheud gu dluth-gheal, daingean; Tha do thaobh mar thaobh na h-eala. Calba cruinn an osain ghearra; Gur math ’thig dhuit breacan ainneamh, Cota gorm de ’n aodach ro-mhath, Boineid dhubh-ghorm air chul cannach. B’e mo sholas a bhi mar-riut, ’Fhiurain oig a’s modhar sealladh. Tha do phog mar chirean meala. Chuala mi gu ’n deach thu Ghallaibh; Gu ’n d’ rinn na Guimich do mhealladh, ’S do chur ann am priosan daingean; Far nach faic thu grian no gealach; Far nach cluinn thu guth do charaid; ’S fuaim do namhad ’sior-dhol tharad. Agam-sa tha ’n t-aobhar gearain, ’S fada bho na dh’ fhalbh mo leannan. Oran Gaoil, LE TE G’A LEANNAN. Gur h-e m’ anam is m’ eudail Chaidh au de do Ghleann-Garadh. Ho ao o ho u o; Ho ao o ho u o; I ri ri o ho ao o; I ri ri ’s i o ialai o. Tha a ghruag mar an t-or, Is tha a phog air bhlas meala. Is tu ’s fearr do ’n tig deise De na sheasamh air thalamh, ’Fhir a’s taitniche briathran, ’S tu nach deanadh mo mhealladh. Thig mo chrios a Duneideann, ’S thig mo bhreid a Dun-Chailliunn. C’uim’ am biodhmaid gun fheudail Agus spreidh aig na Gallaibh. Gheibh sinn crodh as a Mhaorann, Agus caoraich a Gallaibh. ’S ann a bhios sinn ’g an arach Ann an airidh ’m Braigh-Raineach. Ann am bothan an t-sugraidh, Cha tig curam ’n ar caramh. Bidh a chubhag ’s an sunndan ’Gabhail ciuil dhuinn air chrannaibh. ’S an damn donn anns a bhuireadh Bidh ’g ar dusgadh ’s a mhaduinn. Oran Irteach. Tha fleasgach anns a bhaile so Ris an can iad Domhnull; Is ma bhios aige saoghal Gu ’n saothraich e dhuinn moine. Inn ala o ro i, o ro i al ala; Inn ala o ro i, uru rui, uru i; Inn ala o ro i, o ro i al ala. Gu’n tugainn-sa mar chomhairl’ ort, Nan gabhadh tusa bhuam i, A bhith gu h-ealamh, misneachail, A dol am measg nan gruagach. Ged bhitheadh tu a bruidhinn rium, ’S a briotas rium an comhnaidh, Cha tugadh tu na h-uibhean domh ’N uair ’shuidheadh tu Di-domhnaich. Is truagh nach robh mo leannan-sa ’N iochdar Leac-na-Gadaig, Le acfhuinn mar a shirinn air, Is mise ’bhi gu h-ard oirr’. Thatar a bruidhinn air ospadal a thogail ann an Sidni air a bhliadhna s’a tighinn; tha H. M. Whitney a gealltuinn coig mile fichead dolair a chur ann. Cha’n eil teagamh, nuair a theid gach gnothuch a tha dol a bhi anns a bhaile a dh’aithghearr, a chur air obair, nach cuirear feum gu leor air tigh-eiridinn. Chaidh cot uachdair math a shealltuin dhuinn le J. C. Mills, a tha e creic air $5.00. Ni e ’n geamhradh do dhuine cho math ri cota chosgadh a thri uiread. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. CALUM.—Caite bheil thu dol leis an ablach cuidhle sin, a Dhomhuill? DOMHULL.—Tha mi dol dh’ an cheardaich leatha feuch am faigh mi “tire” ur a chur oirre. Seall fhein mar a tha i air a dhol a cumadh leis cho tana ’sa tha an “tire” air cosg; leig mi ruith leatha tuilleadh us fada. C.—Sin agad mullach na goraiche, ’Dhomhuill; cha bu choir dhut leigeil leis na “tires” cosg mar sin idir. Co-luath ’sa chi thu iad a fas tana, thoir dh’ an cheardaich iad ’s mairidh na cuidhlichean moran na’s fhaide. Seall a cuidheal so agamsa, cho math ’sa bha i riamh, ged a tha i ruith an rathaid fad choig bliadhn deug. Agus ’se na “tires” a bhi air an deagh chur orra is aobhar dha. D.—Co tha deanamh na “tires” dhutsa ’Chalum? Cha chreid mi fhein nach eil an “tire” air a chuidhil sin na’s fhearr na aon a chunnaic mi o chionn fhada. C.—Tha, am fear a tha deanamh gach cuirean gaoidhneachd a bhios agam,— SEUMAS S. BEUTAN, ann an SIDNI, agus b’e mo chomhairle dhutsa dhol g’a ionnsuidh le d’ obair fhein. Theid mi an urras ma theid, nach bi ’n t-aithreachas ort. Tha e ’g obair anns a bhaile o chionn corr us naodh bliadhna, agus tha e na’s saoire na gobha sam bith eile. Agus rud eile dheth, cha chum e fadal ort; ni e ’n obair fhad ’sa bhios tu feitheamh rithe. Tha stoc mor de gach seors’ iaruinn us cruadhach aige, agus tha e deanamh Charbadan us Chairtean, a reiceas e gu math saor. Theirig thusa choimhead air. D.—Ma ta, ni mise sin: agus moran taing dhutsa air son do dheagh chomhairle. [TD 113] [Vol. 8. No. 15. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 20, 1899. No. 15. SEAN-FHACAIL. Is lionmhor na briathran goirid agus glic a chaidh a labhairt o chionn nan linntean nach deachaidh air a shon sin nan sean fhacail; ’s fheudar gur h-eadh, ach cha ’n e a h-uile briathrachadh eadhon math ris an gabhtar idir. Tha lagh diomhair ann a tha cuartachadh theachd is buanas shean-fhacal. Tha ’m feart so gu suidhichte ann an inntinn nadurra ’n duine tha e coltach, oir is car ionann tha mi ’g aithnicheadh tha doigh roghnachadh nan sean-fhacal anns gach canain. ’S a’ Ghaidhlig mu ’s bheil e cho geur ’s gun sgailc e air a chuspair shonruichte bhios ann le cuimse ’s cumhachd cha bhi gnothach ris ged a bhiodh gach maitheas eile air, mar bheil e goirid feumaidh e bhi ’na dhan no na rann air neo cha bhitear a stri ris, ’s mar bi gliocas is faicill iomlan air an leigeil ris ann bi an dul sin leis an greimich ’s an croch e ri togar an t-sluagh gu tur a dh’ easbhuidh air, ach ma bhios fior airidheachd ann ’s nach dealaich an tlachd ris ge b’e gean ’s am faod thu fhein a bhi, ’s gu ’m faigh e cead siubhal ’s iongantach mar a ni e ’rathad, ach gidheadh anns gach aite thaghlas e fanaidh e, ach biodh coir’ air bith air, ciod air bith cho faoin, ’s mur teid as da gu buileach an uine ghearr, cha bhi air a’ chuid a’s fhearr air a radh mu dheighinn ach, gu’n tuirt an leithid so de dhuine gasda leithid so de bhriathran tapaidh, ach na shean fhacal cha teid e. Leugh mi mu dhuin’ a bh’ann uair de’n robh ’n saoghal, fear truisidh shean-fhacal Bheurla, agus air dha beachdachadh air feabhus nam feadhnach dhiubh a thionail e air feadh na tire, bhuail barail e gu ’n robh aigesan e fhein de ghliocas ’s de sgaiteachd teangadh na dheanamh facail ris am faodite sean-fhacail a radh, ’s bhiodh iad air leis ni bu taitniche gu fada na moran de na clibeinean cainnt ’bha ’m beul an t-sluaigh cheana. Leag e air deanamh fheadhainn ura, ’s cha ’n ’eil teagamh nach deach e ri obair gu foghainteach, chlo-bhuail e faodaidh coig ceud dhiubh sin ’s dh’ innis e dhaoine ’n t-saoghail gu’n robh esan a’ deanamh saor thiodhlac dhoibh orra, ’s cha robh teagamh aige nach tugta aite urramach dhoibh re uine am measg shean-fhacal na duthcha. Tha ceudan bliadhna o ’n a bha ’n duine so beo ’s ciod air bith deireas a bh’ air na briathran a a bha e cho dichiollach a’ fuineadh an uair sin cha’n ’eil dith na h-aoise orra nis co dhiu ach cha’n abrar sean-fhacal ri aon diubh fhathasd ’s cha’n eil cinnt no eadhon coslas gu’n abrar. Tha so ag innsesdh gu’m bheil ni-eigin a bharrachd air deagh bharail ’us chomhairle ga ’n iarraidh ’s na sean-fhacail. Cha b’e ’n aon duine dheanadh iad. Tha na sean-fhacail a’s fhearr cho simplidh nan cainnt ach a’ ciallachadh uiread ’s gum b’e ’n duine sin a shuidheadh a dh’aona ghnothach a dheanamh shean-fhacal ghlice ma b’ fhior dha fhein a cheart fhear mu dheireadh a dh’ amaiseadh air an leithid. Cha b’ ann mar sin a chaidh na sean-fhacail choire chruthachadh ’s nam b’ann cha bhiodh iad a’ chaoidh an ni a tha iad, nan aithris gu’n chearb air inntinnibh an t-sluaigh. Tha dearbhadh pailt ann gur h-iad na sean fhacail tlachd’ is toradh gach uile chainnt sam bi iad; ’s cian o’n a thugadh fa-near le seann sgriobhadairean an t-saoghail gu’n robh earalachadh glic, ’us luachmhorachd toinnisg, ri ’m faotainn ’s na sean-fhacail aca fhein. Tha ’n leabhar naomh o thoiseach gu chrioch ’cur thairis leo. Nach tric a thugadh ruith shuistidh orrasan leo a dhearbh nach robh “Fiadh gun urram ach na dhuthaich fhein;” iadsan a “shiollaidheadh a’ mheana-chuileag ach a shluigeadh an camhal;” ach cha teid an sionnach ni ’s fhaide na bheir a chasan e, ’s cha teid mise seach a’ Ghlaidhlig! ’s cha’n ’eil luachmhorachd nan sean-fhacal a th’innte oirleach air ais air leamsa orra-san th’ann an cainnt sam bith eile. B’ iad ionann ard phearsa sgoile na duthcha o’ chionn nan linntean. Biodh iad unnta fhein fior nan ceud chiall no nam brigh ’s ann a treorachadh gu firinn, gu grinnead, gu riaghailt mhath ’s geur theagasg a bhitheas iad an comhnuidh. Tha earal coimhlionta unnta do ’n duine do reir a ghiulain fhein ’s mar an ceudna thaobh a dhleasnais da choimhearsnach. Co dhiubh thachras do neach a bhi sealbhachadh sonais ’is sogh an t-saoghail no tha e ’n teinn le bochdainne is trioblaid, tha comhairle dha no comhnadh, a reir fheum, ’s na sean-fhacail, co dhuibh ’s e feabhus, gheibh e sin o sheanairean a bha thall ’s a chunnaic ’nuair a leabhras iad ris anns na briathran a’s usa ’n tuigsinn, a’s crionna rabhadh is teagasg, ’s a’ cuimsiche dh’ amaiseas dha air smior na firinn. Cha’n ’eil oiseinn de theampull cridhe ’n duine anns nach ’eil lagh no bagradh freagarrach crochta leo. ’S mar is ann o’n chridhe tha iad ’s ann mar sin a’s fhearr is aithne dhoibh an cridhe riughinn agus le diread ghuineach saighid an lathrach ’sam bi cron no ’n coire shonrachadh. A thuille air sin is teoma ’n tuigse th’ unnta ged ’s abhaiseach na briathran. Is cudthromach am fiosrachadh ged ’s ann ach gann an cagar a dhinnsear e. Is farsuinn an eachdruidh a nochdas iad ged is goirid an aithris. Cha ghnath leo labhairt ach ris na h-aignidhean a’s cliuitiche, cha ’n fhulaing iad na spiocairean, na sguinn, no na slaightearan, cha’n ’eil ni salach no suarach air ainmeachadh idir leo le meas no modh, ach cha’n ’eil faoin-ghrinneas sam bith ’gam bacadh o fhianuis na firinn a sheasamh. ’Nuair nitear an t-olc tha ’n sean-fhacal a’ feitheamh le peanas. ’S iad is dara coguis an duine, ’s iad a’s miosa oirnn no eadhon an caraid sin a ghabhas fath air a’ cheart uair sam bheil sinn a’ fulang agartais inntinn air taillibh na mi shealbh a thug sinn ’n ar caramh fhein, gus an droch mhanadh a chur esan oirnn urachadh d’ar cumhne, faodaidh sinn an duine sarachail sin a ghrocadh bhuainn, ach cha dealaich leithid an t-sean-fhacail ruinn a tha sior radh “Am fear nach seall roimhe seallaidh e as a dheigh.” Ged nach biodh de lagh air aghaidh na Ghaidhealtachd ach lagh neo-sgriobhte nan sean-fhacal cha bhiodh an t-uireasbhuidh a b’fhaoine air an t-sluagh airson reacan riaghailt gliocais ’as fior dhaonnachd. Bu mhath leam a thoirt fa-near cuideachd ged tha na ceart shean-fhacail air uairean ri ’n tachairt riu araon an Gaidhlig ’s am Beurla, gu ’m bheil eadar-dhealachadh mor eadar a mhor-roinn de dh’ fheadhainn Ghaidhlig ’s an fheadhainn Bheurla. Cha ’n ionann blas nan canainean, ’s idir cha ’n ionann blas nan sean-fhacal. Tha e coltach mar an ceudna nach ’eil na sean-fhacail Bheurla cho fior fhreagarrach ’s a shaoileadh duine, airson gu ’n cleachtadh iad am measg dhaoine ionnsuichte, co dhiubh ’s e sin a bhinn fo’m bheil iad aig an am. Tha mi cinnteach gu bheil e na choire orra nach eil na briathran a th’ unnta ioma-lubach gu leor. Tha ’m pailteas dhiubh neo ’r thainig beusach cliuteach ach air ghloinnead an tobair bi slachar ann, ’s tha fhios gu ’m bheil corra fhacal tha car suarach teagmhach nam measg, ’s ma dh’ fhaoidte gu ’n d’ rinn iad sin gu mi-shealbhach di-meas a tharruing air an iomlan; ’s coltach e gu ’n do mhill beagan taois ghoirt air choireiginn am meall uile, ’s daoine measail cha cheadaich an gnathachadh. A rithist tha na sean-fhacail Ghallda cho math cho geur ’s cho freagarrach air gach doigh ach an aon ’s nach gabh feabhas an diread ’s an treisead gliocais faotainn ach anns a’ Ghaidhlig. Ach tha coire orrasan agus ’se sin nach ’eil urram canain aig a’ chainnt sam bheil iad. Ma chuirear ann am Beurla sgoilleirichte iad caillidh iad gu tur an tlusmhorachd, ’am brigh, sam blas, ’so nach faod iad tighinn an lathair mead-mhoir ’is morchuis na duthcha ’s an deise dhuthchal ’s ma ’s fhior taireil ’s am bheil iad theid as doibh, seadh, chaidh as doibh anns an tomhas a’s motha cheana. Co aig tha coir air cainnt nan Gall a labhairt a nis? ’S airson a sgriobhadh dheth cha’n ’eil a chridhe aig duine—mar h-ann le car de mhagaireachd air fhein no le seorsa de sgeigeireachd ailiseach air cuid eiginn eile bhios e ’g obair—ach Beurla na Ban-righinn a chleachdadh. Ciod eile ach Beurla, ’s a’ Bheurla a’s spailpiche ’s a’s spagluinniche ghabhas faotainn. Mar a’s duilidhe tuigsinn ’s ann a ’s motha meas oirre. Bheirear so fa-near do reir na Beurla gu tric nach e ’n ni mu’m bheilear ag innseadh tha cudthromach idir ach an doigh anns am bheil an ni air innseadh. Tha bharail so lan cheadaichte ’s a toirt cothroim anabarrach do dh’ fhein speis sgriobhadairean. ’S e maise nan sean-fhacal Ghaidhealach co dhiubh gu bheil ard ghliocas na durra unnta ’ga fhoillseachadh gu ’n an tuille spleadhaireachd cainnte mu dheighinn. Biodh sean-fhacail eile mar a tha iad tha ’n fheadhainn Ghaidhlig cho taitneach ’s cho freagarrach ’s nach e mhain nach ’eil ni na ’n aghaidh, ach ’s ann ro bhochd a bhiodh a chanain as an eugmhais. Goirt ’s g’ an ruig iad duine air uairean tha ’n sluagh ’g an gradhachadh agus ’s airidh air sin iad oir dh’fhas iad a deagh ionmhas cridhe ’Ghaidheil ’s tha teisteas na h-aosmhorachd aca gu’m bheil iad buan nan gliocais. Tha de bhuaidh air a’ chainnt ’s am bheil iad gu’n do mhair i uige so, a dh’ aindeoin co theireadh e, beo fallain ’s gu’m bheil i air an latha ’n diugh moran ni [TD 114] [Vol. 8. No. 15. p. 2] ’s measaile le coigrich na bha i o chionn linntean, nach foghainn e dh’innseadh air a h-inbhe gu’m bheil cha ’n e mhain sgoileirean na duthcha so fhein, ach mar an ceudna sgoileirean an t-saoghail, na Gearmailtich, a’ faighinn iunntasan innte. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XV. Chuir na briathran a labhair an righ ioghnadh agus dragh gu leor air Badoura. Cha robh i ’faicinn cia mar a b’urrainn i nighean an righ a phosadh, agus riaghladh na rioghachd a ghabhail os laimh. Bha eagal oirre gu’n gabhadh an righ fior dhroch bharail oirre, nam faigheadh e mach gur e boirionnach a bh’ innte, agus gu ’n robh i posda ri prionns’ Alsaman, an deigh dhi a mhealladh cho fada. Bha eagal oirre mar an ceudna gu’n caitheadh e diumbadh agus dioghaltas oirre, nan diultadh i a nighean a phosadh, gu h-araidh o ’n a shuidhich e ’inntinn gu buileach air a nighean agus an rioghachd a thoirt dhi. A bharrachd air a sid, cha robh fhios aice an tachradh Alsaman rithe ann an luchairt ’athar. Comhladh ris na smaointeanan so, bha i ’faicinn gur docha gu’n coisneadh i rioghachd eile dh’a fear, nam b’ e ’s gu’m faigheadh i forofhais air. Agus thug so oirre gu ’n do shuidhich i gu’n gabhadh i an tairgse thug an righ dhi. Ged a bha i beagan uine ’na tosd a’ smaointean air na nithean so, shaoil an righ gur e an diuideachd a bha ’g a cumail ’na tosd. Mu dheireadh thuirt i, “Tha mi anabarrach fad ann an comain bhur morachd air son na deadh bharail a th’ agaibh orm, air son na h-urram a tha sibh a cur orm, agus an fhabhair mhoir a tha sibh a’ tairgseadh dhomh. Agus ged nach ’eil mi meas gu’m bheil mi araidh air a h-aon seach aon diubh, gidheadh cha dana leam an diultadh. Ach, le ’r cead, a righ, cha ’n urrainn domh na tairgseachan a ghabhail na ’s lugha na gheallas sibh gu’n toir sibh dhomh cuideachd bhur chomhairle mhath aig gach am; oir cha bhi mi deonach ni sam bith a dheanamh gus am faigh mi bhur n-aonta-sa an toiseach.” Ged a rinnneadh na cumhnantan posaidh an lath’ ud fhein, cha do rinneadh am posadh agus a’ bhanais gus an la-iar-na-mhaireach. Aig a’ cheart am dh’innis Badoura do na h-oifigich a bha maille rithe gu ’n robh i ’dol a phosadh nighean a righ. Mar a dh’ ainmicheadh cheana, bha iad gu leir a’ smaointean gur e Alsaman fhein a bha air an ceann. Agus thuirt i riutha, gu’n robh a’ bhan-phrionnsa a’ toirt a lan aonta do ’n phosadh. Dh’ innis i mar an ceudna do na mnathan coimhideachd mar a bha cuisean air thuar a bhith, agus chuir i gu math ’nam faireachadh iad air eagal gu’n innseadh iad dad sam bith m’a deidhinn. Air an ath mhadainn, ghairm an righ a’ chomhairle gu leir, agus dh’ innis e dhaibh gu’n robh e gus a nighean a thoirt ri ’posadh do dh’ Alsaman, mac righ nan Eileanan. Agus an uair a thugadh Badoura an lathar na comhairle, thug an righ oirre suidhe ri ’thaobh. An sin dh’ innis e do ’n luchd-comhairle, gu ’n robh e suidhichte air an rioghachd a leigeadh bhar a lamhan, agus gu’n robh e ’fagail na rioghachd aig a’ phrionnsa og, mhaiseach a bha ’na shuidhe ri ’thaobh, agus gu’n robh e ’n dochas gu’n tugadh sluagh na rioghachd gu leir geill is urram dha. An uair a thuirt e so, thainig e nuas bhar na righ-chathrach, agus dh’ ordaich e do Bhadoura a dhol suas agus suidhe oirre. Cho luath ’s a sgaoil a’ chomhairle, ghairmeadh Badoura ’na righ anns a’ bhaile, agus air feadh na rioghachd gu leir; agus bha greadhnachas nach bu bheag air feadh na rioghachd gu leir fad aireamh laithean. Thoisich a’ bhanais an oidhche ud fhein; agus, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, bha an teaglach rioghail, agus ard mhaithean na rioghachd gu leir, anabarrach solasach. An uair a thainig an t-am, chuireadh a charaid og a laidhe a reir gnaths agus cleachdadh na duthchadh. Anns a’ mhaduinn aig an am ghnathaichte, dh’ eirich Badoura, agus chaidh i do thalla na comhairle, far an robh ard-mhaithean na cuirte gu leir cruinn gus failte a chur air an righ og, agus comh-ghairdeachas a dheanamh maille ris an deigh dha bean og, mhaiseach, agus rioghachd mhor, shaoibhir, fhaotainn. Aig a’ cheart am chaidh righ Armonos, agus a’ bhanrigh, do ’n t-seomar anns an robh a’ bhanrigh og ’na laidhe, a dh’ fheorach dhith cia mar a bha i, agus a chur failte na maidne oirre. Ach an aite bruidhinn riutha, is ann a chrom i a ceann; agus dh’ aithnich iad nach robh i toilichte. Gus a h-inntinn a thogail, thuirt a h-athair rithe’ “A nighean, na bi cho trom-inntinneach sin idir. An uair a thainig prionns’ Alsaman air tir an so, bha ’inntinn lan shuidhichte air a dhol gun dail sam bith do chuirt ’athar. Ged a thug sinne air le comhairleachadh fuireach an so, agus thusa ’phosadh, gidheadh is docha gu’m bheil doilighios air a chionn nach d’ fhuair e dhol a dh’fhaicinn ’athar agus a mhathar cho luath ’s bu mhath leis. Feumaidh tu foighidin a dheanamh gus an teid beagan uine seachad, agus an sin chi thu gu’m bi e cho miadhail ort, agus cho caoimhneil riut ’s is urrainn fear a bhith ri mnaoi.’ Chaith Badoura agus Ebene an latha gu leir a’ comhradh ris na comhairlich, agus ris na h-uaislean urramach a thainig do ’n luchairt a bhruidhinn ’s a bhrosgal riutha, agus ag amharc air an ordugh anns an robh armailt na rioghachd deas air son a dhol ann an coinneamh aon namhaid a chuireadh dragh orra. Bha gach aon suil gu geur a’ beachdachadh air Badoura, an righ ur, og; agus bha na h-uile anabarrach riaraichte leis an doigh rioghail urramach anns an deachaidh i ann an ceann a h-uile gnothaich a bhuineadh do riaghladh na rioghachd. Bha am feasgar ann mu ’n do thill Badoura do sheomar na banrigh oige, agus thuig i gu soilleir nach robh a’ bhanrigh riaraichte leis an t-suidheachadh anns an robh i. Dh’ fheuch Badoura ri saod a chur oirre le bhith ’g innseadh naigheachdan eibhinn, annasach dhi, agus ri thoirt oirre a chreidsinn, gu’n robh gaol mor aice oirre. An sin an uair a thainig an t-am dhaibh a dhol a laidhe, thug Badoura oirre a dhol do ’n leabaidh, agus chaidh i fhein a dh’urnuigh gus an do thuig i gu’n do thuit a’ bhanrigh na cadal. Chaidh i do’n leabaidh gun a’ bhanrigh a dhusgadh, agus dh’ eirich i anns a’ mhadainn gun a dusgadh. Bha doilighios gu leor air Badoura a chionn gu’m b’ fheudar dhi a bhi ’cumail suas na mealltaireachd so gun fhios. Bha i cho mor fo dhragh inntinn air a shon ’s a bha i air son mar a chaill i Alsaman. Cha bu luaithe dh’ eirich Badoura na chaidh i do sheomar na comhairle. Aig a’ cheart am chaidh Armanos do ’n t-seomar anns an robh a nighean. Fhuair e i ’na suidhe leatha fhein ’s i ’sileadh na deur gu tursach. Thuig e anns a’ mhionaid ciod a bha ’g a fagail cho mi-riaraichte le a staid. Bha e lan-chreidsinn gur ann a’ deanamh dimeas agus tair air a nighean a bha am prionnsa, a chionn nach robh e cho caoimhneil rithe ’s bu chor dha, agus bhrosnaich so e gu fior dhroch nadar. “A nighean, biodh foighidin agad car beagan uine,” ars’ esan. “Ged a rinn mise righ dhe ’n fhear a phos thu, cha bhi mi fada ’toirt na rioghachd uaithe, mur nochd e gun dail gu’m bheil meas aige ort mar is coir a bhith aig fear air mnaoi. Leigidh mise fhaicinn dha gu’n teid a chur air falbh as an rioghachd, agus masladh gu leor air a cheann, mur atharraich e a dhoighean fo ’n am so am maireach. Tha ’n obair a th’ aige an deis mo nadar a bhrosnachadh gu mor; agus tha tamailt orm gu’m biodh duine cho mi-nadarra ris posda aig mo nighinn.” Bha ’n t-anamoch ann mu ’n d’ thainig Badoura air ais do sheomar na banrigh. Thug i greis air comhradh ris a’ bhanrigh mar a rinn i an oidhche roimhe sid, agus an uair a bhi i ’dol a dh’ urnuigh, thuirt i rithe gu’m b’ fhearr dhi dhol a laidhe. Ach cha tugadh a’ bhanrigh geill dhi. Thuirt i ri Badoura, “Am bheil duil agad an car a thoirt asamsa mar a rinn thu o chionn da oidhche. Innis dhomh, guidheam ort, c’ar son a tha thu cho coma dhiom, agus mi ’nam bhoirionnach og a tha gle mhaiseach? Tha tlachd gu leor agamsa dhiotsa, agus tha mi ’g am mheas fhein gle shona gu ’m bheil fear taighe agam cho maiseach agus cho tlachdmhor riut. Bhiodh diumbadh is fuath is grain aig a h-uile te eile ort, nam biodh tu cho suarach mu ’n deidhinn ’s a tha thu mu’m dheidhinnsa. Cha tugadh iad mathanas dhut gu siorruidh; ach dheanamh iad do bheatha thoirt air falbh. Ach ged nach ’eil gaol cho mor agam ort ’s a bh’ agam roimhe so, cha bu mhath leam gu’n tigeadh mi-fhortan sam bith ’nad rathad. Air an aobhar sin, cha’n urrainn domh gun innseadh dhut, gu ’m bheil m’ athair anabarrach diumbach dhiot. Tha e nis a’ lan-chreidsinn nach ’eil meas sam bith agad ormsa. Agus mur nochd thu gu’m bheil am barrachd meas agad orm, ni e dioghaltas ort gu follaiseach am maireach. Uime sin, tha mi ’guidhe ort nach dean thu dimeas ormsa na’s fhaide na rinn thu.” Chuir na briathran so dragh anabarrach mor air an inntinn aig Badoura. Cha do chuir i teagamh nach d’ innis a’ bhanrigh dhi an tul-fhirinn. Chuir i gu soilleir uidhireachd gu’n robh Armanos, an righ, car coimheach rithe an latha roimhe sid. Thuig i nach robh rathad aice air faighinn as a’ chrois anns an robh i mur innseadh i gur e boirionnach a bh’ innte. Ach bha eagal oirre gu’m biodh nighean an righ ann am feirg rithe air son a bhith ’cumail am mach gur e firionnach a bh’innte. Ach o ’n a bha i ’smaointean gu’n gabhadh Alsaman, air a thurus gu luchairt ’athar, rathad Eilein Ebene, bha toil aice i fhein a ghleidheadh beo gus am faiceadh i e. Mur innseadh i do nighean an righ mar a bha cuisean, bha fhios aice nach eiridh gu math dhi. Agus o’n a bha so mar so, shuidhich i gu’n innseadh i do’n bhana-phrionnsa, ris an robh i posda, gach ni a thachair dhi o ’n dh’ fhalbh i a taigh a h-athar. (Ri leantuinn.) EACHDRAIDH IAIN FOST. CAIB VII. CLEASAN A RINN FOST. Bha an t-Impire aon uair miannach air Fost fhaicinn agus cuid d’a chleasan fhaicinn mar an ceudna. ’N uair thugadh e air beulaobh an Impire dh’ iarr an t-Impire air rud-eigin cridheil a dheanamh. Dh’ amhairc Fost mu’n cuairt air agus chunnaic e morair mor a’ sealltuinn a mach air uinneig. Ghlaoidh Fost air an spiorad; agus air ball bha da adhairc ’n an seasamh air ceann a’ mhoraire, agus cha b’ urrainn dha a cheann a thoirt a stigh gus an d’ thug Fost dheth na h-adhaircean a rithis. Bha fearg mhor aig a mhorair so ri Fost; agus a dheanamh dioghlaidh air chaidh e mile mach as a’ [TD 115] [Vol. 8. No. 15. p. 3] bhaile ’g a fhalach fein taobh an rathaid a bhiodh Fost a dol dhachaidh. ’N uair a bha Fost a’ dol seachad ruith am morair ’s e air each gabhaidh a mach as a’ choille air muin Fost, ach le cuideachadh an spioraid thug Fost am morair ’s an t-each air beulaobh caisteal an Impire, agus shuidhich e da adhairc cho mhor ri feadhainn daimh air ceann a’ mhorair, agus cha d’ fhuair am morair dheth iad gu la a bhais. CAIB VIII. MAR A DH’ ITH FOST AN LOD FEOIR. Bha feallsanaich is fir fhoghluim mhoir le Fost aon la a mach ann an achadh anns an robh lod feoir. “Gu de a dh’ iarras tu,” thuirt Fost ri sgonnbhalach a bh’ ag obair ris an fheur, “air son lan mo bhroinn don’ fheur?” Shaoil am balach gu ’n robh Fost air a chuthach; ach thuirt e ris gheibh thu lan do chuirp air son sgilinn. Rinneadh cordadh aig a so. Thoisich Fost air itheadh agus ann an tiotadh bha leth an lod fheoir air itheadh! Bha na fir eile a’ srachdadh ag gaireachdaich air a’ bhalach, ’s draoin ioghnaidh air gu’n robh e brath am feur a chall. Ghuidh e air Fost sgur; rinn Fost so a’ gabhail truas do’n bhalachan bhochd. Mu ’n do rainig am balach an tigh leis a’ chairt ’s ann a fhuair e gu’n robh am feur a dh’ ith Fost air a chur air ais innte. CAIB IX. MAR A DHALL FOST NA H-OILEANAICH. Choinnich tri oileanaich dheug ri seachd eile aon la aig tigh Fost; thoisich an da bhuidheann ri connspaid ’s mu dheireadh ri buillean. ’N uair a chunnaic Fost gu’n robh an tri deug ro laidir air son an t-seachd eile ’s nach robh cothrom na Feinne ri fhaotainn ghrios e doille air na h-oileanaich air fad. Bha iad an sin a’ smuideadh air a cheile air doigh cho iongantach ’s gu’n robh luchd na sraid ri gaire fanoid. Chaidh an toirt d’ an seomraichean agus fhuair iad am fradharc ’s a’ mhionaid. Thainig Fost la eile do thigh-osda agus cairdean leis. Ach cha’n fhaigheadh iad fois ’s am bith; oir bha buidheann bhalach a stigh ri ranaich ’s ri rabhaicidh uamhasaich, ’s iad air mhisg. Ghrios esan gu’m biodh am beoil air an ragadh ’s iad fosgailte; mar so thachair, ’s cha b’ urrainn iad am beoil a dhunadh. Dh’ amhairc iad air a cheile ’s cha b’ urrainn iad labhairt, agus an duil gu’n deachaidh buidseachas a dheanamh orra sheab iad a mach as an tigh-osda, ’s cha ’n fhacas ann iad riamh tuille. CAIB X. MAR THUG FOST AIR BEAN-UASAL TUITEAM ANN AN GAOL. Bha duin’-uasal og ann an Wirtemberg ann an staid chianail, ’s e an gaol air te nach eisdeadh r’a shuiridh. Dh’ innis e do Fhost an eigin anns an robh e, gu’m basaicheadh e mur faigheadh e i. Thuirt Fost ris gu’n eagal a bhi air, gu’m faigheadh e i. Dh’ atharraich Fost inntinn na ribhinn uasail gus nach b’ urrainn i smuaineachadh air ni ’s am bith ach am fear a bha ’ga h-iarraidh. Thuirt Fost ris faine a thug e dha a sheapadh air a meur. Rinn e so, agus an sin thoisich a cridhe air losgadh an taobh a stigh dhi. An aite bhi gruamach ’s ann a bha i nis lan faite ris. Cha robh fois aice gus an dubhairt i ris am posadh e i. Fhreagair esan le uile chridhe gur h-e sud a bha dhith air. Phosadh iad an la ’na dheigh sud. CAIB XI. MAR A THUG FOST AIR NA MNATHAN DANNSADH ’S IAD RUISGTE. Bha Fost aon la air sraide a’ mhargaidh, is chunnaic e seachd mnathan ’nan sreath a’ reic uibhean im, &c. Cheannaich e rudeigin o gach te is dh’ fhalbh e. Cha bu luaithe bha e air falbh na a chunnaic iad gu ’n robh na bh’ aca ’g a reic air falbh tur as na basgaidean. Thuirteadh riu mu dheireadh gur h-e Fost a ghriosadh air falbh na bh’ aca. Ruith iad gu tigh Foist; agus dh’ iarr iad riarachadh mu ’n chuis. Chuir esan roimhe gu ’n tugadh e feala-dha do shluagh a’ bhaile air na cailleachan. Chuir e falbh iad ruisgte, agus an deigh toirt orra dannsadh ruisgte air sraid a’ mhargaidh car tacuin leig e iad as na geasan, agus fhuair iad gu’n robh an cuid a thugadh air falbh air a ghriosadh air ais do na basgaidean a rithis. CAIB XII. MAR A RINN FOST AIR NA MUCAN. Thachair Fost aon la air fear a bha faotainn dragh uamhasach ri ceud muc a bha e ag iomain a stigh do bhaile Wirtemberg. Ruitheadh te an sud ’s te an so; ’s bha an duine bochd ’na eigin gu h-anabarrach. Ghrios Fost air na mucan is thug e air gach te dhiubh dannsadh air a casan deiridh, agus fidheal an greim aon do na casan toisich agus an te eile a’ cluich oirre; mar so dhanns is chluich iad gus an d’ thainig iad a steach do Wirtemberg. Bha fear na h-iomain a’ falbh rompa agus e fein a’ dannsadh. ’Nuair chaidh iad a steach do’n bhaile ghrios Fost air falbh na fidhleachan. Reic an duine ’s a’ mhionaid a thairg e iad na mucan, is ghleidh e an t-airgiod. Ach mu’n deachaidh e as a’ bhaile ghrios Fost air falbh na mucan as an aite mhargaidh. ’Nuair a chunnaic am fear a cheannaich iad gu’n robh iad air falbh stad e an duine a reic iad is thug e uaithe an t-airgiod. Bha am fear-duthcha bochd ’n a eigin, a’ dol dhachaidh gun or gun mhuic. ’Nuair a rainig e bha na mucan uile ’nam failean abhuisteach! CAIB XIII. FOST A’ SMUAINEACHADH AIR A CHRICH. Mios no dha mu’n do ruith na ceithir bliadhna fichead a mach thoisich Fost air breithneachadh cionnus a charadh e an diabhull. Ach cha robh innleachd ri faotainn. Thoisicheadh e an sin air ranaich ris fein, “Och is duine truagh mi! Reic mi mi fein ris an diabhull air son solais beagan bhliadhnachan, agus a nis feumaidh mi paigheadh gu h-iomlan! Fhuair mi mo mhiann; shasuich mi m’ anamianna salach, is feumaidh mi a nis fulang gu siorruidh!” Bha nabaidh diadhaidh aige a ghabh truas deth; ’s a thoisich air guidhe air leis na deoir ’na shuilibh e dheanamh aithreachais is greim a dheanamh air gealladh grais is trocair Dhe do pheacaich a ni aithreachais. Labhair an nabaidh cho durachdach, ’s gu’n do gheall Fost feuchainn ri aithreachas. Cha bu luaithe a dh’ fhalbh an duine diadhaidh so na thainig Mephistophiles far an robh Fost, a chronachadh air son mar a bhrist e a chumhnant risan agus r’a thighearn Lucifer. Thug e an sin sgeochdadh air amhaich gus nach mor nach do bhrist e i, ’s e toirt air Fost dolan gu tiamhaidh. Aig a’ cheart am mhaoidh e air mur deanadh e cumhnant is boid as ur gu ’n tugadh e as a cheile ’na mhirean e. Rinn Fost cumhnant eile, bha leithid a dh’ eagal air, ’ga thiomnadh fein do Lucifer. CAIB XIV. A CHRIOCH A THAINIG AIR FOST. Thainig na ceithir bliadhna fichead gu ceann. Aig an am ud dh’ fhoillsich an spiorad e fein do Fhost, a’ nochdadh dha a sgriobhaidh fein, agus ag innseadh dha gu’n tugadh an diabhull air falbh e an ath oidhch’. Bha cridhe Fost goirt agus fo gheilt. A chur air falbh a chianalais chuir e fios air na h-uileimh oga agus air a chairdean foghluimte. ’N uair a bha iad tacun leis chunnaic iad a ghnuis ag atharrachadh. Dh’ fheoraich iad ciod a b’ aobhar? Fhreagair Fost, “’S aithne dhuibh mi nis na h-uiread do bhliadhnachan agus mar a ghnathaich mi gach gne uilc. Rinn mi moran druidheachd a fhuair mi o’n diabhull. Reic mi mi fein ris re ceithir bliadhna fichead air chumha gu’n tugadh e dhomh gach ni a dh’ iarrainn. Bidh an uine so aig a crich a nochd. Ghairm mi sibhse chum ’s gu’m faiceadh sibh mo chrioch eagalach. Biodh mo bhas-sa ’na rabhadh dhuibh. Fanaibh air falbh o dhruidheachd na h-ifrinn. Ma thoisicheas sibh air geasachd is air buidseachas cha ’n urrainn dhuibh stad diubh gus an teid sibh leis an diabhull mar a tha mise dol a nochd co-dhiu is aill leam no nach aill.” Thoisich iadsan air airson nach d’ innis e an gnothuch dhoibh ni bu traithe. Dh’ aidich e gu’n robh toil aige sud a dheanamh; ach gu’n dubhairt an diabhull ris na ’n innseadh e a’ chuis gu’n tugadh esan air falbh e air ball. ’N uair a smuaineachadh e air e fein aonadh ri muinntir dhiadhaidh, thigeadh an diabhull is pianadh e gu teann e. “Ach is diomhain labhairt a nis,” thuirt Fost, “is leisan m’ anam is mo chorp gu siorruidh.” Mu’n robh am facal mu dheireadh a beul Foist thainig tairneanaich is dealanaich a bha oillteil. Chaidh Fost a steach do thalla mor a bha ’n sin agus chaidh a chompanach do sheomar a bha laimh ris a chluinntinn agus a dh’fhaicinn crioch Foist. Mu dha uair dheug thainig crith eagalach air an tigh; bhrist na h-uineagan; agus ri braidhe tairneanaich le sreun-chorr gaoithe thilgeadh na dorsan. Chaidh fuaim gaoith chumhachdaich a steach le seideil nathraichean, gaoir is ran. Chualas esan a’ glaoidhich gu tiamhaidh “Mort!” Bha do bhurralaich is do ulfhartaich anns an talla agus ged a bhitheadh na bheil do dhiabhlan a tha an ifrinn a stigh! ’N uair a thainig an latha bha do dhanadas aig na h-uileimh oga gu’n deachaidh iad a steach do ’n talla. Fhuair iad ann an sud eanchainn Foist air a bualadh a mach ’s i ’na sadraich air a’ bhala. Bha an lar dearg le fuil. Chaidh iad a mach is fhuair iad a chorp reubte, srachte air fhagail ’na mhirean air an otraich! (A’ chrioch.) A’ BHAINTREACH. Bha baintreach ann roimhe, ’s bha tri nigheanan aice, ’s is e ’na bha aice airson am beathachadh, garradh cail. Bha each mor glas a h-uile latha ’tighinn do ’n gharradh a dh’ itheadh a ’chail. Thuirt an te bu shine de na nigheanan r’a mathair, “theid mise d’an gharradh an diugh ’s bheir mi leam a chuibheal, ’s cumaidh mi ’n t-each as a’ chal.” “Dean,” ars’ a mathair. Dh’ fhalbh i mach. Thainig an t-each. Thug i chuigeal as a’ chuibheil ’s bhuail i e. Lean a’ chuigeal ris an each, ’s lean a lamh-sa ris a’ chuigeal. Air falbh a bha ’n t-each, gus an d’ rainig e cnoc uaine, ’s ghlaodh e, “Fosgail, fosgail a chnuic uaine ’s leig mac an righ a stigh. Fosgail, fosgail a chnuic uaine ’s leig nighean na baintrich a stigh.” Dh’ fhosgail an cnoc, ’s chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blath d’a casan ’s leaba bhog da leasan, ’s chaidh i laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la’r na mhaireach ’n uair a dh’ eirich esan, bha e ’dol a shealgaireachd. Thug e dh’ ise iuchraichean an tighe air fad, ’s thuirt e rithe gu’m faodadh i h-uile seomar a stigh fhosgladh ach an t-aon; air na chunnaic i riamh gun am fear sin ’fhosgladh; a dhinneir-san a bhi (Air a leantuinn air taobh 118.) [TD 116] [Vol. 8. No. 15. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, Cape Breton. DI-HAOINE, OCTOBER 20, 1899. Tha cogadh air toiseachadh anns an Transvaal. Rinn an litir a chur riaghladh na duthcha sin dh’ionnsuidh an riaghlaidh Bhreatunnaich stad a chur air gach ionnsuidh a bha Breatunn a toirt air sith a ghleidheadh. Dh’ iarr iad an t-arm Breatunnach a bhi air a toirt air falbh o chriochan an Transvaal, agus na bha shaighdearan aice air an t-slighe a ghairm air ais. Cha’n eisdeadh Breatunn ri sin agus air ball bhrist na Boerich a stigh air a criochan. Cha do chuireadh blar a b’ fhiach fhathast; cha’n eil Breatunn gu ruige so ach ’ga dion fhein, oir cha ’n eil a h-armailt anns an duthaich sin cho laidir ’s bu mhath leatha i bhith a toiseachadh air a chogadh. Tha choltas air gu’m bi an cogadh ruighinn gu leor, agus tha i uime sin air son a bhi lan chinnteach as a neart mu’n teid i air adhart. Tha ’n Transvaal gu ire bhig air a chuartachadh le a cuid fearainn-se, agus mar sin cha’n urrainnear cuideachadh sam bith a dheanamh leis na Boerich le duthchannan eile nach eil ro chairdeil ri Breatunn. Cha’n eil teagamh nach deachaidh fuil a dhortadh, agus aireamh air gach taobh a mharbhadh, ach tha cho liutha sgeul a tighinn ’s nach eil fhios gu cinnteach de thachair. An uine ghearr bidh duil ri fiosan a’s cinntiche bhi tighinn, ach gu ruige so, cha’n eil anns a mhor chuid dhiubh ach seanchas air thuaimse. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil class Gailig ri bhi air a theagasg ann an Colaiste Knox, an Toronto, air a gheamhradh so, agus mar an ceudna anns a’ Cholaiste Chleireach am Montreal. Tha sin gle iomchuidh, oir tha mu cheud gu leth coithional de’n Eaglais Chleirich ann an Canada anns am bheil Gailig air a searmonachadh, agus tha e feumail gu’m biodh iadsan a tha gu bhi saoithreachadh anns na coithionalan sin air an ullachadh air son smaoineachadh agus labhairt anns a chainnt sin. Mar is trice tha dearmad mor air a dheanamh air sin. Ni foghlumaichean Gaidhealach strith mhor gu iad fhein a dheanamh coilionta ann am Beurla ’s anns gach ionnsachadh feumail eile, ach a thaobh na Gailig, ma bhios an eolas oirre cho math a fhagail a cholaiste ’s a bha e dol ann, measar gu bheil iad a deanamh gle mhath, agus gur airidh iad air am mor mholadh. Chuala sinn roimhe so mu dhuin’ og aig nach robh ach fior bheagan Beurla a dol dh’ an cholaiste, ach an am a bhi ’ga fhagail, cha robh aige ach fior bheagan Gailig. Tha sinn an dochas gu bheil na lathaichean sin faisg air a bhi seachad, agus nach dean iadsan a tha cur rompa bhi searmonachadh na Gailig dearmad air a h-ionnsachadh ni’s mo, agus ’nuair a bhios iad ullamh anns a cholaiste gu’m bi iad comasach air a labhairt gu pongail agus gu ceart. Tha e toirt toileachadh mor dhuinn gu bheil againn ri innse d’ar leughadairean gu bheil cairdean MHIC-TALLA a dol an lionmhorachd gu math air an t-samhradh ’s air an fhoghar so. Tha aireamh mhor a cur ’ga iarraidh as ur, agus cha’n eil ach fior chorra dhuine a sgur dhe ghabhail. Tha so a toirt misneach mhath dhuinn; oir tha e nochdadh gu bheil am paipear Gailig a’ cordadh ris na Gaidheil agus gu bheil iad deonach a bhi ’ga leughadh ’s ’ga chumail suas. Cha ’n eil aobhar sam bith nach biodh paipear Gailig soirbheachail anns an duthaich so. Tha de Ghaidheil innte na chumadh suas e gu math. Cha’n eil againn ach seasamh an guaillibh a cheile, luchd-sgriobhaidh ’s luchd-leughaidh, agus bidh am MAC-TALLA an uine ghearr air a chur air bonn dhe nach bi e furasda charachadh. Cha ’n eil sinn air son cur as do’n Bheurla; cha’n urrainn dhuinn, ’s ged a b’urrainn cha deanamaid e; ach air son sin, car son nach cumamaid suas ar canain fhein. Tha cothrom aig sluagh da-chainnteach nach eil aig sluagh aon-chainnteach, agus ged nach biodh ann ach sin fhein na fabhar, b’ fhiach do na Gaidheil a Ghailig a chumail beo ’s an cleachadh. Tha cuid de na paipearan-naigheachd a laidhe gu trom air an Exhibition a bha ann a Halifax air an fhoghar so, agus air an doigh air an robh e air a chur air adhart. Agus cha’n eil sin a cur ioghnadh sam bith oirnn. ’Se crioch araidh feilleachan dhe’n t-seors’ ud a bhi deanamh cuideachaidh le tuathanaich na duthcha, ann a bhi toirt misnich agus cothroim dhaibh air a bhi faicinn agus ag ionnsachadh dhoighean air an doighean-tuathanachais a leasachadh, agus mar sin an duthaich air fad a thoirt gu bhi na ’s adhartaiche na tha i. Ach aig Feill Nobha Scotia, ’s e gle bheag aire tha sin a faotainn; tha reisean each, cleasan gus cluichean air an cur air adhart a tha gun fheum, agus cuid diubh da-rireadh cronail, moran diubh nach gann a leigeadh lagh na duthcha air adhart ’nan cuirte air obair e. Tha e mi-chiatach na nithean sin a bhi dol air adhart aig feill a tha air a cuideachadh gu mor le airgead a ionmhas na duthcha; agus mur urrainn Nobha Scotia ’s bhaile Halifacs feill a chumail suas gun circus a dheanamh dheth, tha’n t-am aca dhunadh suas gu buileach. A FRAMBOISE. Fhuair sinn an t-arbhar a chur fodh dhion gu sabhailte, ged nach robh an t-abuchadh cho trath ’sa b’ abhaist; ’s tha mi ’n duil, mar am bi an luchag gle mhi-mhodhail, gum bi pailteas sil againn. Tha ’m buntata gle mhath, ach gu bheil beagan grodidh ann a corra fhear. Dh’ fhalbh na bh’ againn de ’n a mhuinntir og a cur seachad greis dhe ’n t-samhradh aig an dachaidhean air ais dha na Staitean—a chuid mhor dhiu gu ruige Boston. Tha an gnothuch gle dhuilich nach faod Ceap Breatunn a chumail innte fein na chaidh a bhreth is arach innte; ach is cinnteach gur h-ann mar sud tha ’n saoghal. Ach tha daoine fiosrach a deanamh a mach gu faod e bhi gu bheil ath-leasachadh dluth air timeanan Cheap Breatunn, agus nach ruig a clann a leas a dhol a mach aisde airson an teachd-an-tir. Ach aig a cheart am cha ’n ’eil sinn idir a creidsinn gur h-e nach urrainn iad am beolaind a chosnadh ann an Ceap Breatunn a tha ’g aobharachadh gu bheil na h uiread a falbh aisde. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil gu leoir ann a tha cur leasachadh mor ri ’n staid le dhol air falbh; ach tha sinn an dochas gur h-e earrann bheag dhiu a tha falbh a mhain air sgath an fhasain—“A chionn gun d’ fhalbh Murachadh feumaidh Fearachar falbh.” Thainig bas gle aithghearr air boirionnach coir againn air an t-seachdain so—bantrach Iain ’Ic-an-Toisich. Bha i fein agus ogha dhi, aois deich bliadhna, ag amharc as deigh a chruidh greis mhath o’n tigh, nuair a thainig laigsinn oirre. ’Nuair a chunnaic am brogach bochd nach robh a sheanamhair a dusgadh ruith e a dh’ iarraidh dhaoine a b’ fhaisge dha. Nuair a rainig iad far a robh i cha robh dad ach gu ’n robh an anail innte, agus dh’ eug i an ceann uair a thide. Tha leithid sud a dearbhadh oirnne nach ’eil fhios aig neach gu de a dh’ fhaodas mionaid na uair a thoirt mu ’n cuairt, agus gur h-e dleasdanas araidh an duine a bhi ri faire an comhnuidh. Ach tha e buailteach dhuinne, ged a chi ’sa chluinn sinn basan aithghearr a tighinn air muinntir eile a bhitheas ni ’s sinne agus a bhitheas ni ’s oige na sinn fein, gur a th’ ann a bhios sinn a sealltainn air mar fhreasdal gruamach an Ti is airde, agus a leigeil dhinn a bhi beachd-smuaineachadh air a throcair do ar taobh fein, an uair a tha sinn fathast air ar caomhnadh air talamh aithreachais, agus sin gu leir an aghaidh ar toillteanais. CEANN LIATH. Sept. 30, ’99. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. [TD 117] [Vol. 8. No. 15. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha teine ann a Sussex, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh, leis an deachaidh tigh-osda agus aireamh de thaighean eile a losgadh; tha an call air a mheas aig $75.000. Tha na h-ubhlan anabarrach pailt ann an Nobha Scotia air an fhoghar so; cha’n eil cunntas air iad a bhi na bu phailte riamh roimhe ach aon bhliadhna. Ann an taobh an iar na roinne, bidh mu cheithir cheud mile barailte ri chreic, fiach muillein dolair. Tha chuid mhor dhiubh air an creic ann an Sasunn. Tha an t-Urr. I. F. Forbus air ais anns a bhaile rithist, ’se moran na’s fhearr ’na shlainte na bha e falbh air a thurus do New York. Tha a ghuth gu math ladir, ach tha ordugh aige gun labhairt ro fhada no ro ard. Shearmonaich e da uair air an t-Sabaid s’a chaidh, an Gailig ’sa mhaduinn, agus am Beurla feasgar. Tha ministear ur air a ghabhail a stigh do Chomhairle ’n ard-riaghlaidh an Ottawa, an t-Onorach Seumas Sutharlan, fear-parlamaid a Oxford Tuath, an Ontario. Tha e air a chur an aite an Onoraich Mr. Geoffrion a chaochail air an t-samhradh so. Tha Mr. Sutharlan ’na dhuine tapaidh, air am bheil deagh mheas air gach taobh dhe’n tigh. Is Gaidheal e, agus tha ainm aige bhi ’na dhuine cho geur ’s cho breithneachail ’s a tha suidhe anns a pharlamaid. Tha e de shliochd nan Gaidheal a bha air am fogradh a Cataobh nuair a bha uachdarain na h-Alba a deanamh rum do na caoraich. Tha riaghladh Chanada a deanamh deiseil air son reiseimeid shaighdearan a chur a chuideachadh an airm Bhreatunnach anns an Transvaal. Tha iad ri bhi air cosguis na duthcha so gus an ruig iad a cheud phort an Africa a Deas, ach cho luath ’sa bhios iad an sin, tha iad ri bhi air cosguis Bhreatunn. Tha iad ri bhi ’nam buidhnean beaga anns am bi 125 duine, agus bidh na buidhnean sin air an ceangal ri reiseamaidean Breatunnach. Bu mhath le Canada a cuid shaighdearan a bhi uile comhladh, agus an cuid oifigich fhein a bhi air an ceann, ach ’s ann aig Breatunn fhein is fhearr fios ciamar is coir dha sin a bhith. Thachair sgiorradh oillteil faisg air a bhaile mu dha uair feasgar Di-satharna s’a chaidh; bha fear Ambrose Brossett, a mhuinntir Newfoundland, air a mharbhadh air an rathadh iarruinn ’s gun e ach mu dha fhichead slat o dhorus a thaighe fein. Bha sreang de charbadan-guail a tighinn a stigh, agus mu’n aite ’s am bheil an rathad a tighinn do’n bhaile ’gearradh air falbh o’n rathad eile, chunnaic fear na h-inneil an duine so air an rathad roimhe. Sheidh e ’n fhideag, agus dh’ fheuch e ri stad a chur air na carbaid, ach bha na h-uiread ann dhiubh ’s iad a tearnadh na bruthach, ’s nach robh e comasach dha sin a dheanamh. A reir coltais gu robh ’n duine bodhar, oir cha do ghluais e bhar an rathaid gus an robh na carbaid gu bualadh ann. Chaidh na cuidhlichean thairis air, agus bha e air a mharbhadh air ball. Cha robh coire ri chur air duine sam bith a thaobh a bhais. Dh’fhag e bantrach agus coignear chloinne. Cha b’ urrainn side foghair a bhi na bu bhriagha na bha againn air an t-seachdain so ’s air an t-seachdain s’a chaidh. An deigh an dortadh mor uisge bh’ann air an t-seachdamh latha dhe’n mhios, thainig side bhriagha bhlath, thioram, a tha moran na’s taitniche leinn a chionn nach robh duil againn rithe. Tha sgioba ’n “Scotsman” ’gam feuchainn aig cuirtean, cuid dhiubh an Canada ’s cuid am Breatunn, air son mar a ghiulain iad iad-fein an deigh do’n t-soitheach bualadh. Cha’n eil coire sam bith ’ga chur air na o-oifigich; rinn iad na b’urrainn dhaibh air son na bha air bord a shabhaladh, ach bha graisg am measg an sgoiba a bha air atharrachadh sin, agus a choisinn droch ainm dhaibh fein, agus a thug masladh air seoladairean Bhreatunn nach robh orra riamh roimhe. Fhuair an Shamrock ’san Columbia reis a chur mu dheireadh thall. Di-luain bha ’n soirbheas beagan na b’ fhearr, agus chaidh ac’ air an t-astar a chur ’nan deigh anns an uine bha air a chur m’an coinneamh. Choisinn an Columbia an reis sin; bha i stigh mu dheich mionaidean romh’n t-Shamrock. Di-mairt bhrist an crann-ard aig an t-Shamrock, agus b’fheudar dhi stad, ’s ruith an Columbia an cursa leatha fhein. Tha mar sin an Columbia an deigh da reis a chosnadh. Ma gheibh i aon eile bidh an cupan air taobh bhos a chuain bliadhn’ eile. Bha cuid a dhaoine anns na Staidean a cur mar fhiachaibh air Mac Fhionnlaidh, an ceann suidhe, a dhol a thairgse sith a dheanamh eadar Breatunn agus an Transvaal, agus bha cuid eile air son gu’n gabhadh na Staidean taobh an Transvaal anns a chuis. Ach rinn Mac Fhionnlaidh ’sa luchd-chomhairle gu glic suas an inntinn gu’n b’fhearr do na Staidean chomhairle clag Sgain a ghabhail, “an rud nach bun dhut na bean dha,” ’s cha’n eil an duthaich sin a dol a ghabhail pairt aon seach aon dhiubh. Ach cha’n eil e ri chleith gu bheil cairdeas mor eadar riaghladh nan Staidean us riaghladh Bhreatunn. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Iain L. Mac Gilleain, Woodbine. Seonaid Ros, Bagh Bhaddeck. T. C. Mac-an-Toisich, Malagawatch. E. C. Mac Aoidh, Malagawatch. Bean Neill Ic-ille-mhicheil, Hogamah. Michail B. Johnson, Glace Bay. An t-Urr A. MacCoinnich, Victoria Mines. Bean Choinnich ’Ic Leoid, Ceap Nor. Uilleim A. Mac Leoid, Sidni. Ailean Moireastan, Baile nan Gall. Eos. I. Domhnullach, Meinn Lorway. Iain Mac Fhionghain, Bailey’s Brook, N.S. Murchadh Muireach, Fairhall, Man. A. R. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. D. R. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont. D. R. Mac Ille-bhrath, Cnoc na h-Eaglais, Ont. Domhnull Mac Cuthaig, Dalkeith, Ont. Tormad Mac Rath, Alexandria, Ont. Uisdean Mac Colla, Strathroy, Ont. Alasdair Mac Calamain, Priceville, Ont. I. S. Mac Ille-dhuibh, Pomona, Ont. POSADH. —Ann an tigh Lachuinn Mhic Guaire, Sidni, air an 17mh la dhe’n mhios, leis an Urr. I. F. Forbeis, Iain Waulker, Bridgeport, ri Effie Lena Nic Cuithein, Carribou Marsh. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. INNEALAN GIULAN dhe gach seorsa AIR AN DEANAMH RI ORDUGH. GHEIRH CRUIDHEADH EACH AIRE SHONRUICHTE. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. A TUATH AIR AN TEMPERANCE HALL. South Charlotte St., Sidni. Moran, Moran DE GACH SEORSA SHOITHICHEAN CREADHA. Tumblers—40 cts. an dusan—an luach airgid is fhearr air an t-saoghal. Soithichean Ti—geal agus or—le pitsear uachdair Sina air $2.40. J. C. Mills, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 19, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 118] [Vol. 8. No. 15. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 115.) aice reidh ’n uair a thilleadh e; ’s ’n am biodh i ’n a bean mhath gu’m posadh e i. ’N uair a dh’ fhalbh esan thoisich ise air fosgladh nan seomraichean. A’ h-uile fear mar a dh’ fhosgladh i bha e ’dol n’a bu bhreagha gus an d’ thainig i gus an fhear a bh’ air a bhacail. Thair leatha d’ e dh’ fhaodadh a bhith ann nach fhaodadh i fhosgladh cuideachd. Dh’ fhosgail i e, ’s bha e lan do mnathan uaisle marbh, ’s chaidh i ’sios gus a’ ghlun ann am fuil. Thainig i mach an sin, ’s bha i glanadh a coise, ’s ged a bhiodh i ’g a glanadh fathast cha b’ urrainn i mir de’n fhuil a thoirt di. Thainig cat crion far an robh i, ’s thuirt i rithe, na ’n tugadh i dh’ ise deur beag bainne, gun glanadh i i cho math ’s a bha i riamh. “Thusa ’bheathaich ghrainnde! bi falbh romhad; am beil duil agad nach glan mi fein iad na’s fhearr na thusa?” “Seadh, seadh! leig dhuit! Chi thu ’d e dh’ eireas duit ’n uair a thig e fein dachaidh!” Thainig esan dachaidh, ’s chuir ise an dinneir air a’ bhord, ’s shuidh iad sios aice. Mu’n d’ ith iad mir thuirt esan rithe, “An robh thu a’d’ bhean mhath an diugh?” “Bha,” ars’ ise, “Leig fhaicinn domhsa do chas, ’s innsidh mi dhuit co-aca ’bha na nach robh.” Leig i fhaicinn da an te bha glan. “Leig fhaicinn domh an te eile,” ars’ esan. ’N uair a chunnaic e ’n fhuil, “O! ho!” ars’ e, ’s dh’ eirich e, ’s ghabh e ’n tuagh, ’s thug e ’n ceann di, ’s thilg e ’stigh do ’n t-seomar i leis an fheadhain mharbh eile. Chaidh e ’laidhe an oidhche sin, ’s mochthrath an la ’r na mhaireach dh’ fhalbh e gu garradh na baintrich a rithisd. Thuirt an darna te de nigheanan na baintrich r’a mathair. “Theid mi mach an diugh, ’s cumaidh mi ’n t-each glas as a’ gharradh.” Chaidh i ’mach a fuaghal. Bhuail i an rud a bha aice ’ga fhuaghal air an each; lean an t-aodach ris an each; ’s lean a lamh ris an aodach. Rainig iad an cnoc. Ghlaodh e mar a b’ abhaist da ris a chnoc. Dh’ fhosgail an cnoc, ’s chaidh iad a stigh. Rinn e uisge blath d’a casan, ’s leaba bhog d’a leasan, ’s chaidh iad a laidhe an oidhche sid. Mochthrath an la’r na mhaireach bha esan a’ falbh a shealgaireachd, ’s thuirt e rithe h-uile seomar a stigh ’fhosgladh, ach an aon fhear, ’s air na chunnaic i riamh gun am fear sin ’fhosgladh. Dh’ fhosgail i h-uile seomar gus an d’ thainig i gus an fhear bheag, ’s air leatha ’d e dh’ fhaodadh a bhith anns an fhear sin ni ’s motha na cach nach fhaodadh i ’fhosgladh. Dh’ fhosgail i e, ’s bha e lan de mnathan uaisle marbh, ’s a piuthar fein ’n am measg. Chaidh i sios g’a glun ann am fuil. Thainig i ’mach, ’s bha i ’ga glanadh fein, ’s thainig an cat beag ma’n cuairt, ’s thuirt i rithe, “Ma bheir thu dhomhsa deur beag bainne, glanaidh mi e cho math ’s a bha i riamh.” “Thusa, a bheathaich ghrainnde! Gabh romhad! Am bheil duil agad nach glan mi fein i ni’s fhearr na thusa?” “Chi thu,” ars’ an cat, “d’ e dh’ eireas duit ’n uair a thig e fein dachaidh.” ’N uair a thainig e dhachaidh chuir ise sios an dinneir, ’s shuidh iad aice. Thuirt esan rithe. “An robh thu a’d bhean mhath an diugh?” “Bha,” ars’ ise. “Leig ’fhaicinn domh do chas, ’s innsidh mi dhuit co-aca ’bha na nach robh.” Leig i fhaicinn da ’chas a bha glan. “Leig fhaicinn domh an te eile,” ars’ esan. Leig i fhaicinn i. “O, ho!” ars’ esan, ’s ghabh e’n tuagh ’s thug e’n ceann di. Chaidh e ’laidhe an oidhche sin. Mochthrath an la ’r na mhaireach, ars an te b’ oige r’a mathair, ’s i ’figheadh stocaidh, “Theid mise ’mach le m’ stocaidh an diugh, ’s fairidh mi ’n t-each glas; chi mi d’ e thachair do m’ dha phiuthair; ’s tillidh mi dh’ innseadh dhuibhse.” “Dean,” ars’ a mathair, “’s feuch nach fan thu air falbh.” Chaidh i mach, ’s thainig an t-each. Bhuail i ’n stocaidh air an each. Lean an stocaidh ris an each, ’s lean a lamh ris an stocaidh. Dh’ fhalbh iad, ’s rainig iad an cnoc uaine. Ghlaodh e mar a b’ abhaist da, ’s fhuair iad a stigh. Rinn e uisge blath da casan ’s leaba bhog d’a leasan, ’s chaidh iad a laidhe an oidhche sin. An la ’r na mhaireach bha e falbh a shealgaireachd, ’s thuirt e rithise na’n deanadh i bean mhath gus an tilleadh e, ann am beagan laithean gum biodh iad posda. Thug e dhi na h-iuchraichean, ’s thuirt e rithe gum faodadh i h-uile seomar a stigh fhosgladh ach am fear beag ud,—ach feuch nach fosgladh i ’m fear ud. Dh’ fhosgail i h-uile gin; ’s ’n uair a thainig i gus an fear so, air leatha d’ e bhiodh ann nach fhaodadh i fhosgladh, ni ’s motha na cach. Dh’ fhosgail i e, ’s chunnaic i da phiuthar marbh an sin, ’s chaidh i sios g’a da ghlun ann am fuil. Thainig i mach, ’s bha i glanadh a cas, ’s cha b’ urrainn i mir de’n fhuil a thoirt diubh. Thainig an cat crion far an robh i, ’s thuirt i rithe, “Thoir dhomhsa deur crion bainne, ’s glanaidh mi do chasan cho math ’s a bha iad riamh.” “Bheir a chreutair—bheir mise dhuit do dhiol bainne ma ghlanas thu mo chasan.” Dh’ imlich an cat a casan cho math ’s a bha iad riamh. Thainig an righ an sin dachaidh, ’s chuir iad a sios a dhinneir, ’s shuidh iad aice. Ma’n d’ith iad mir thuirt esan rithe, “An robh thusa a’d’ bhean mhath an diugh?” “Bha mi meadhonach,” ars’ ise, “cha’n ’eil uaill sam bith agam r’a dheanamh asam fein.” “Leig fhaicinn domh do chasan,” ars’ esan. Leig i fhaicinn da casan. “Bha thusa a’d’ bhean mhath,” ars’ esan, “’s ma leanas tu mar sin gu ceann beagan laithean bidh thu fhein agus mise posda.” An (Air a leantuinn air taobh 119.) Seacaidean Cotaichean Deiseachan Deante DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN. Curraichdean Ceannabharan Deiseachan Miotagan DO ’N CHLOINN. AIG J. C. MILLS, SIDNI, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! [TD 119] [Vol. 8. No. 15. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 118.) la’r na mhaireach dh’ fhalbh esan a shealgaireachd. ’N uair a dh’ fhalbh esan thainig an cat beag far an robh ise. “Nis innsidh mise dhuit de ’n doigh air an luaithe am bi thu posd’ air,” ars’ an cat. “Tha,” ars’ ise, “dorloch de sheana chisdeachan a stigh; bheir thu mach tri dhiubh; glanaidh tu iad, their thu ris an ath oidhche gu’m feum e na tri chisdeachan sin, te ma seach dhiubh, ’fhagail ann an tigh do mhathar, a chionn nach eil feum an so orra, gu ’bheil gu leor ann as an ioghnais; their thu ris nach fhaod e gin dhiubh fhosgladh air an rathad, air neo ma dh’fhosglas gum fag thu e; gun d’ theid thu ann am barr craoibhe, ’s gu’m bi thu ’g amharc, ’s ma dh’ fhosglas e gin dhiubh gu’m faic thu. An sin ’n uair a theid esan a shealgaireachd fosglaidh tu ’n seomar; bheir thu mach do dha phiuthar; tairnidh tu ’n slachdan draoidheachd orra; ’s bidh iad cho beo, slan ’s a bha iad riamh. Glanaidh tu iad an sin, ’s cuiridh tu te anns gach ciste dhiubh, agus theid thu fein ’s an treas te. Cuiridh tu de dh’airgiod agus de dh’ or anns na cisdeachan na chumas do mhathair agus do pheathraichean ceart r’am beo. ’N uair a dh’fhagas e na cisdeachan ann an tigh do mhathar, ’s a thilleas e, theid e ann am feirg choimheach. Falbhaidh e’n sin gu tigh do mhathar anns an fheirg so, ’s brisdidh e stigh an dorus. Bi thusa cul an dorus, ’s thoir deth an ceann leis an t-sabh, ’s bidh e’n sin ’na mhac righ cho aluinn ’s a bha e riamh ’s posaidh e thu. Abair ri d’ pheathraichean, ma bheir e lamh air na cisdeachan fhosgladh air an rathad iad a ghlaodhach, “Chi mi thu, chi mi thu,” air alt, ’s gun saoil e gur tusa a bhios a glaodhach ’s a’ chraoibh.” ’N uair a thill esan dachaidh, dh’ fhalbh e leis na cisdeachan, te an deigh te, gus an d’ fhag e ’n tigh a mathar iad. ’N uair a thainig e gu gleann far an robh e smaointeachadh nach fhaiceadh ise ’s a’ chraoibh e, thug e lamh air a chisde leigeil sios airson faicinn de bh’ innte. Ghlaodh an te bha ’s a chisde, “Chi mi thu—chi mi thu.” “Piseach air do cheann beag, boidheach,” ars’ esan,” “mur am fad a chi thu.” B’e so a bu dual dha air gach siubhal gus an d’ fhag e na cisdeachan air fad an tigh a mathar. Nuair a thill e dhachaidh air an t-siubhal ma dheireadh, ’s a chunnaic e nach robh ise roimhe, chaidh e ann an feirg choimheach. Dh’ fhalbh e air ais gu tigh na baintrich, ’s ’n uair a rainig e ’n dorus chuir e roimhe e. Bha ise ’na seasamh air cul an doruis, ’s thug i ’n ceann deth leis an t-sabh. Dh’ fhas e ’n sin ’n a mhac righ cho aluinn ’s a thainig riamh. Chaidh e stigh an sin, ’s bha iad ann an toil-inntinn mhor. Phos e fhein agus ise, ’s rinn iad banais aighearach, shunndach. Chaidh iad dachaidh do’n chaisteal, ’s bha iad gu math comhla, ’s fhuair a mathair ’sa peathraichean na chum gu math r’am beo iad.—Seann Sgeulachd. MALAIRT ANN AN GAILIG. “Thig an so Ian oig, c’arson nach ’eil thusa ag ionnsachadh Gailig a leughadh? “Is narach gu’m bitheadh mac t’ athar neo-chomasach air Gailig a’ leughadh—” “Athair, ciod am feum a tha’n Gailig? cha deanar malairt sam bith ann an Gailig; cha dean sibh cunntas, na Leabhraichean malairt a ghleidheadh; agus cia mar a sgriobhar litir a dh’ iarraidh bathair, agus cia mar a bheir sibh seachad bill agus receipt.” “Nach e a tha thu a’ ciallachadh Bann Geallaidh na Ordugh air Banc agus Bann aidmheil paigheidh? Ro mhath ma ta, leigidh mise sinn fhaicinn duitse gu soilleir, agus eisd thusa rium gu foighidneach, furachail. Anns a’ cheud aite, thoir fainear gu bheil na deich samhluidhean a leanas co-ionnan anns gach aite deth an t-saoghal, agus gu’n tuig a’ h-uile cinneach iad. Mar so cha Bheurla no Laidionn iad—’se sin 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8, 9, 0. Tha cur ri cheile (Addition), agus toirt uaithe (Subtraction), air a dheanadh ann an Gailig mar a tha e ann am Beurla. A nis an “Clar Fillteachaidh” no an “Clar Meudachaidh” (Multiplication), abair mar so, trifillte a tri, naoidh, 3 x 3 = 9; 4 x 4 = 16; 5 x 5 = 25, agus mar sin sios. Nis a thaobh Litir a chur a dh’ iarraidh Bathair, abair mar so. Bail’ an Obain, Ceud mhios a Gheamhraidh. An seachdamh la fichead, 1895. Mr. Iain Mac Dhonuill. Bi co math agus gu ’n cuir thu a m’ ionnsuidh leis a cheud eithear stoth a thig do’n Oban mar a leanas:— 100 punnd ti aig tri tasdain. 200 punnd siucair aig tri sgillin. 100 Bolla mine aig 18/. 112 punnd ime aig 1/. Agus bi cinnteach gu’m bi iad air an deanadh sabhailte o dhosgain aig Comunn an t-sabhalaidh, gu math saoibhir thar am fiach, agus cuir ri cunntas a’ Bhathair e; cuir air aghaidh Ordugh air “Banc Caithir Ghlasachaidh” anns an Oban, ri phaigheadh aig ceann da mhios. Is mise do sheirbheiseach. IAIN MAC-NA-CEARDADH. Nis so an Cunntas: Baile Ghlasachu, Aireamh da fhichead Sraid Earraghaidheil. An 5mh la deug, Ceud mhios a’ Gheamhraidh, 1895. Cheannaich Iain Mac-na-Ceardadh anns an Oban. O Iain Mac Dhonuill— 100 punnd Ti aig 3/. £15 0 0 200 do. siucair aig 3 sgilin 2 10 0 100 Bolla mine aig 18/. 90 0 0 112 punnd ime aig tastan 5 12 0 Riadh an t-sabhalaidh. 1 2 7 £114 4 7 Agus a reir t’ iarrtuis air an deanadh dionach o chall airson punnd-sasunnach air a cheud punnd-sasunnach agus chuir mi e air a chunntas se sin, £1: 2: 7 sgilin—aig a cheart am chuir mi air aghaidh leis a’ phosta an Cunntas agus Ordugh air “Banc Caithir Ghlasachu” ann an £114: 4: 7 sgn., paighte aig ceann da mhios. Le moran taing. Is mi do Sheirbheiseach, IAIN MAC DHONUILL. Gu Iain Mac-na-Ceardadh, Marsanda, Anns an Oban. Nis an t-ordugh: Baile Ghlasachaidh, Ceud mhios a’ Gheamhraidh. 10mh la fichead 1895. £114 : 4 : 7 sgilin. Aig ceann da mhios o’n la diugh paigh dhomhsa no do m’ ordugh, cuig fichead agus ceithir puinnd deug Shasunnach, ceithir tasdain agus seachd sgilin, fiach na fhuair thu. IAIN MAC-DHONUILL. IAIN MAC-NA-CEARDADH. Ian Mac-na-Ceardadh, Marsanda, Sraid Dheorsa anns an Oban. Bann Aidmheil Paighidh. Baile Ghlasachaidh. Ceud mhios an Earraich. 10mh la 1895. Fhuair mi o Ian Mac-na-Ceardadh cuig fichead agus ceithir puinnd deug Shasunnach agus aon sgilin a reir suim a’ Chunntais. £114:0:1. IAIN MAC-DHONUILL. Tha mi an dochas gu’m bheil thu tuigsinn so uile; thug mi dhuit na samhluidhean cunntais, an Clar meudachaidh, Litir orduigh air son Bathair, Cunntas a’ Bhathair, Ordugh air a’ Bhanc, agus Bann Aidmheil paighidh. Am Feillire. OCTOBER, 1899. 1 DI-DONAICH XIX. Donaich na Caingis. 2 Di-luain La na Leargainn, 1263. 3 Di-mairt La Allt Chuailleachain, 1594. 4 Di-ciaduin Bas Ruiseart Heber, 1833. 5 Dior-daoin La Dhunchaillinn, 1312. 6 Di-haoine [7] Bas Bhurgoyne, 1871. 7 Di-satharna [8] Losgadh Chicago, 1870. 8 DI-DONAICH XX. Donaich na Caingis. 9 Di-luain Bas Iain Chuimein, 1305. 10 Di-mairt Breith Uisdean Muilleir, 1820 11 Di-ciaduin Bas Raibeart Kerr, 1813. 12 Dior-daoin Faotainn America, 1492. 13 Di-haoine 14 Di-satharna 15 DI-DONAICH XXI. Donaich na Caingis. 16 Di-luain Losgadh na Parlamaid Breatunnaich, 1834. 17 Di-mairt 18 Di-ciaduin An fheill Lucais. 19 Dior-daoin 20 Di-haoine Comhairle Aird-Thoirnis 1461 21 Di-satharna [20] Buaidh nan Gaidheil Gordonaich aig Dargai, 1897. 22 DI-DONAICH 23 Di-luain Eiridh Thearlaich I., an Eiriun, 1641. 24 Di-mairt 25 Di-ciaduin 26 Dior-daoin Breith Eanruig Chochburn, 1779. 27 Di-haoin 28 Di-satharna An fheill Simeon & Iuda. 29 DI-DONAICH XXIII. Donaich na Caingis. 30 Di-luain 31 Di-mairt Oidhche Shamhna. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 4, U. 3, M. 0 F A Cheud Chairteal L. 12, U. 1, M. 56 M An Solus Lan L. 18, U. 5, M. 51 F An Cairteal mu Dheireadh L. 26, U. 5, M. 26 M A. J. G. MacEACHUINN. Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 120] [Vol. 8. No. 15. p. 8] Iorram. ’Nochd gur trom a ta m’ eire, ’S mi an eilein a’ chaoil. Nochd gur trom, &c. ’S truagh gun mise bhi thall ud, ’N gleannan falaich mo ghaoil; Far an d’ fhag mi ’n t-og uasal, ’S e ’na shuain air an fhraoch. ’Righ, nach cluinninn deagh sgeul ort, Do thigh’nn air eigin bho ’n aog; Do thigh’nn gu fearann Mhic Ailein, No gu talla ’n fhir fhaoil. ’S truagh ma bhios do chorp gle gheal Fo dhluth reubadh nan daol. Bu tu sealgair na h-eala; Bhiodh neul fala air a taobh; Agus sealgair a chathain ’Theid san adhar le sgaoim. Namhaid og thu ’n ron mheilleach ’Thig bho sgeiribh a chaoil; Bu tu sealgair an fhir-eoin, ’S eoin chrin nan sgiath caol. Bu tu sealgair a choilich, ’S moch a ghaoireadh air craoibh, Is na circeige duinne ’Bheireadh gur as an fhraoch. Bu tu sealgair na h-eilid, ’N uair a roinneadh tu ’ghaoth. Mar sud ’s a bhuic bhioraich ’Thig bho fhireach nan craobh. ’Righ, gur h-iomad bean bheil-dheirg, ’Bhios gu deurach mu m’ ghaol, Eadar Ile nan stuadhan, Mach o’n chuan gus an Caol, Agus Uibhist bheag, riabhach, ’M bi na biataichean saor. Maise nam Buadh. LE NIALL ROS. Cha ’n ann a mhain ’an gnuis nan oigh ’Tha buaidh na maise ’tamh, Tha fiamh an aigh air iomadh doigh Gu tric ’n an gnuis a snamh; ’S le ’m briathran cuiridh iad fo ruaig Gach gruaman agus pramh. Ach mar an ceudn’ tha loinn ’us dreach Ri ’m faicinn air an lar; Ri ’m faicinn anns gach ni ma seach Le ’n toir a’ bhliadhn’ a barr— ’S gach eun ’us iasg ’us creutair meanbh ’S gach ainmhidh air a’ bhlar. Cia aillidh, mingheal, fiorghlan dealbh Nan lilidh air an raoin! Righ Solamh, pailt ’an cuid ’s an sealbh, ’Bu ghlice ’chloinn nan daoin’— A ghreadhnachas mar luach an oir Bha laimh ri ’n gloir-san faoin. Na creagan ard ’s an deanar nead Le iolaire nam beann; ’S mactalla ’freagradh ri a scread ’N uair ’dh’ eireas i bho ’n ghleann; Na h-uaimhean mor tre ’n seid an stoirm Le tairm ’us neart nach gann; Na coilltean uaine, dosrach, tiugh Tha ’comhdachadh nan sliabh; Na h-aimhnichean ’s na miltean sruth Dheth ’n ruith nach d’ lasaich riamh; Am fraoch, am feur ’s an ceo tha dluth Mu bharr nan stuchd a sniamh; An cuan gun fhois ’s a’ ghealach ur Us solus aigh na grein’, Na feachdan lainnireach gun smur Tha ’dearrsadh fad an cein— Tha loinn na mais’ oirre uile ’tamh ’N an am ’s ’n an aite fein. Ach fathast caochlaidh iad air fad, Us theid an cur air chul. Tha iad a crionadh sios gun stad Fa chomhair beachd nan sul; ’S thig muthadh air an cruth ’s an gloir Aig crathadh mor nan dul. Gidheadh tha Maise sheasmhach ann A ghleidheas loinn a chaoidh, A bhios do ’n fhear mar chrun m’ a cheann ’S mar choron aigh do ’n mhnaoidh, ’S a cheana ’tha mar dhuais do ’n dream Tha tric gu trom ’g an claoidh. Feuch Dleasdanas! ’s e sin an seud ’Us Maise mhor nam Buadh. An neach a leanas sud le eud Gheibh esan eifeachd nuadh; ’S bidh airsan maise ’gabhail tamh Nach caill gu brath a snuadh. O ’Mhaise bhuan! biodh oirnne tart Gu leantuinn air do thoir, Mar ghaisgich sgith, ag iarraidh neart A ni gu ceart a’ choir; Is gheibh sinn cuideachadh bho laimh Nan ainglean ann an gloir, A thig gu saighdearan na Feachd Le teachdaireachdan seimh, Gu ’n teid an namh a chur fo smachd; Gu ’n cuir iad umpa sgeimh; Gu ’n rioghaich iad, ’s gu faic iad luach Maise nam Buadh air neamh. Tuireadh Mu dhuin’ uasal a chaidh a bhathadh. Gu bheil luingeas fo bhreidibh Dol a dh-eirigh an ceart-uair, Dh’ fheuch am faigh iad beachd sgeula Ciod a dh-eirich do ’n ghaisgeach. U oirinn o i ri riu, U oirinn o ro ho i o u oirinn o. Dh’ fheuch am faigh iad beachd sgeula Ciod a dh-eirich do ’n ghaisgeach; ’N t-aona mhac sin, an t-Iain, Dha ’n robh ’n cridhe neo-ascaoin. Gu ’m bu mhath ’san taigh-mhoid thu, ’N am na corach a sheasamh, Is sar cheannaich’ an fhion’ thu, ’S tu ’ga sgaoileadh fial, farsuing. Tha thu fhein ’s do chuid ghillean Ann an linne gun fhaicinn. Tha do ghartanan sioda ’S iad ’nan siomain mu d’ chasaibh. Tha do bhoineid ghorm, aillidh A snamh ard air chuan farsuing. Tha do leine chaol Olaint Aig na ronaibh ’ga sracadh. Tha do cheann ann sa mhaorach, ’S tha do thaobh aig an easgainn. ’Righ, gur muladach ’tha mi, ’S mi air airidh lan airtneil; Is nach faic mi e tighinn, ’N t-Iain cridhe Mac Lachlainn. Tha deagh nighean Iain Oig An diugh is leois air a basaibh. ’Nighean bhuidhe na gruaige, Leam is cruaidh bhith ga t’ fhaicinn, ’S tu ag amharc an aite ’S an do bhathadh na gaisgich. Tha moran guail ri bhi air a chur air falbh do Bhoston air a gheamhradh so a meinnean Cheap Breatunn. Tha duil ri soitheach luchdaichte le gual a bhi ruigheachd a bhaile sin a h-uile latha. Ni sin geamhradh math do na meinneadairean. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. [TD 121] [Vol. 8. No. 16. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 27, 1899. No. 16. SEAN-FHACAIL. (Air a leantuinn.) An Gaidheal a runaicheas a bhi comasach na chainnt ’ga labhairt no ’ga sgriobhadh feumaidh e bhi ullaichte le deadh thomhas de storas-fiosrachaidh nan sean-fhacal. Ma bha aon ni ann riamh air an robh miann is meas nan Gaidheal b’e sin geurad ann an seanachas; an duine bha coimhlionta air an doigh so bheirte mach a chuideachd air neo—ni bha cheart cho docha—ma bha ’n t-aobhar ann, sheachainnt e. Thugadh deagh shamhladh air an ni so le “Caraid nan Gaidheil,” ’n uair a bhiodh e freagairt a luchd casaid anns an “fhocal ’s an dealachadh” a bhiodh na “Theachdaire Ghaelach”— “Fhuair sinn,” ars’ esan, “litir a chuir Iain Gallda ann am Beurla chruaidh Shasunnaich d’ ar n-ionnsuidh, ’s dh’ fhaodadh e radh mar a thuirt an t-oran, “Faicill oirbh an taobh sin thall, Nach tig an ceann an tiota dhibh.” ’S e ’n gearan a ’s truime tha aig Iain Gallda ’n ar n-aghaidh an speis a tha againn do shean-fhacail; agus gu’m bheil e leamh mi-mhodhail dhuinn litrichean ar cairdean a fhreagairt le sean-fhacail. Do reir coslais tha Iain sgith dhiubh mar bha ’n losgann de ’n chleith-chliata. A nis, Iain, air son fearas-chuideachd dhuinn fhein freagraidh sinn do litir le sean-fhacail a dhearbhas dhuit cia freagarrach ’s a tha’n doigh so, air am bheil thu gearan cho trom. Cho luath ’s a thainig do litir thuirt sinn “Is mithich a bhi ’bogadh nan gad.” An cuala tu riamh, Iain Ghallda, “ged a dh’ eignichear an sean-fhacal cha bhreugnaichear e?” ’S e ’n ath ghearan a th’ agad gu’m bheil sinn ro ghaolach air na tha sinn fhein a sgriobhadh. An cual thu riamh, “Gur toigh leis an fheannaig a garr-isein fhein,” agus “Gur e leanabh fhein a’s luaithe ’bhaisteas am ministear.” Tha thu gearan gu bheil anabarr speis againn do chairdean araidh agus gu’m bheil sinn ri tair air muinntir eile a tha araidh air barrachd meas. ’Iain Ghallda, “Tha ’n cairdeas mar a chumar e,” agus “na cuir thusa do lamh eadar a chlach ’san sgrath.” Tha thu ’g radh gu’n cum thusa suil oirnn agus gu’n dean thu faire oirnn; dean sin Iain—tha suil iongantach agad ma chuireas i eagal oirnne: agus do thaobh faire dheanamh oirnn, “B’e sin gleidheadh a chlamhain air na cearcan.” Tha thu maoidheadh gu’n dean thu tuill ’s an “Teachdaire!” Eirich air—“Cha dean thusa toll anns nach cuir sinne cnag.” Tha iad ag radh nach fiu leat sgriobhadh airson an Teachdaire, nach d’ fheuch thu ris agus nach feuch; an cual thu riamh leth-sgeul na caillich— “A chailleach an gabh thu ’n Righ! Cha gabh o nach gabh e mi.” A thaobh an leabhair a tha thu gradh tha tighinn a mach a smalas an Teachdaire bochd, fuirich Iain gus an tig e; ach gabh thusa comhairle, agus “Na h-abair bid ris an eun gus an tig e as an ubh.” Tha chuid fa dheireadh de d’ litir na’s taitniche na ’toiseach—“’S i cheud taom a thig as an taigeis am bitheantas a’s teotha.” Slan leat, ’Iain, na tig na’s daine, agus na buail na ’s truime, no tuigidh do thuadh an sean-fhacal, “Gur maith an ealag a chlach gus an ruigear i.” ’S ann da fhein a b’ aithne ’s a b’ urrainn pronnadh nam meana-chuilleag a dheanamh air peasain na h-aimsir ’san robh e beo. Rinneadh co-chruinneachadh de shean-fhacail Ghaidhlig airson a chlo-bhualadair mar is aithne dhuibh le fear Mac-an-Toisich ’sa bhliadhna seachd ceud-deug ceithir fichead ’s a coig. Thionaladh moran dhuibh le daoine comasach air uairean eile ach b’ iad na chruinnicheadh Mac-an-Toisich an aon fheadhainn a fhuair clo-bhualadh riamh gus an do chuir an Siorram Mac Neacail nach maireann lan leabhair mhoir eile dhiubh fa chomhair an t-saoghail, ’s gu cinnteach ’se ’n leabhar sin aon luach airgid cho math ’s a th’ anns a chanain. Tha mi cinnteach gur h-iomadh sean-fhacal faobharach sgailceach a thog air a thurus air tus as na Ceilidhean sona seasgair a bhiodh aca aig an tigh, ’nuair a bhiodh an croilean beag abhachdach a deanamh suidhe shamhail mu ’n cuairt de ’n teine mhor mhoine bhiodh am meadhon an urlair; ’s ann as na Ceilidhean ud a chinn ’sa chraobh-sgaoil iomadh teagasg iomchuidh, ’s air an doigh sin gu ’n coir do dhuine aire fhaicilleach thoirt air a dhleasnas nuair a chuireas e e fhein ann an suidheachadh ris am bi gniomh no dreuchd co-cheangailte; ’se so an teagasg a bh’ ann dhasan a bhiodh ’sa chuil, ’s e shuilsan bhiodh air an teine. Anns na Ceilidhean sin bhiodh gu tric an duin’ og a ’cur comus cuimhne ’n t-seann duine gu lan dheuchainn ’nuair bhiodh coimh-leigeadh eatorra co dhiubh ’b’ fhaide dh’ aithriseadh deagh shean-fhacal ma seach, ’s faodar a bhi cinnteach, an fheadhainn a bha ’g eisdeachd, gu ’m b’ fhaoin am facal a rachadh seachad orra. Tha ’n cleas no’n cleachdadh so ga chumail beothail fhathast ’s cha ’n fhios leam doigh ni’s fhearr an oigridh oilleineachadh ann an iomadh fiosrachadh fior agus feumail. Cuid mhath de na comhairlean a gheibhte unnta bhiodh iad a cheart cho feumail ’sachuideachd so, no ge b’e comunn ’s am bi sinn. Ma bheir sibh an aire am fear sin bhios a ghnath modhail ’n ar measg fhein gabhar fath air ma dh’ fhaoidte gur h-ann socharach a tha e, am fear a bhios dana cha ghabhtear a mhi-mhodh bhuaidhe ged shaoileas e fhein gur modh am mi-mhodh, am fear a ni dioras, ’s iomadh ni dioras ris, ach si’n riaghailt bu chothromaiche dhuinn nan gabhamaid i, riaghailt an t-sean-fhacail—a bhi dana modhail, ’s e sin lagh na cuirte, a chuimhneachadh gur math an fhiacail a bhi roimh’n teanga ’s am fear a ghleidheas a’ theanga gu’n gleidh e chairdean. ’S tric a chluinneas sinn gur daoine colgarra fiadhaich a bha ’n ar n-athraichean an da chuid nan cainnt ’s nan gniomh. Bheirte oirbh a chreidsinn gu’m bu choingeis leo namhaid no caraid, ’s mar faigheadh iad a bhi ’n sgornan air chor-eiginn gu’n deanadh gach aon diubh caonnag ri dha luirginn fhein. ’Se ’n tuairisgeul sin aicheadh cuid de dh’ aobhar mo labhairt. Ma sheallar a stigh car tacain ann am beagan de chaithe-beatha Ghaidheil ’sa bheirear fa near mar tha ’bheul fhein ag innseadh ruintean a chridhe, chitear nach b’e am fiadh dhuine cunnartach so a bh’ ann ’s gu ’m b’ fhada bhuaithe sin a ghabh e. Ach ’s fheudar an t-aobhar gearain bhi ann. Bha e uair ’gan robh e treun neo-sgathach ri uchd cruadail ’s dh’fheum e sin, cha’n eil ’s cha robh beairt an aghaidh na h-eiginn, ach chuireadh as a leth gur h-ann borb a bha e. Tha e nis air a chomhairle fhein ’s aon duine eile ni ’s siobhalta ’s nis seimhe cha ’n eil air ur uachdar na talmhuinn. Ach an aite sin a chordadh ri daoine cha bu chulaidh-fharrain dhoibh riamh ach e, nach ’eil mire-chatha gu leor ann, ’s gur docha leis an cruaidh chosnadh no dol dh’ an arm. Cha tuigear air na sean-fhacail gu’n robh iarraidh fola no fuathais ann an gne a’ Ghaidheil ni’s mo na bh’ ann an daoin’ eile. Thuirt iad gu dearbh nach leig duine da dheoin a choir bhreith le duine beo, ach cha ’n eil miadh air fuil no foirneart air a nochdadh anns na briathran sin, ’s nis miosa cha’n fhaighear gu’n dubhairt iad. Bha fhios aca, gun teagamh sam bith, nach b’ am codal an cogadh. Bu ghle thoigh leo duine bhiodh meamnach iasguidh, ach bu chulaidh fhanoid ’us abhachdais leo luathad nan cas anns an rachadh an t-eagal. Bha iad deimhin am fear nach teicheadh gu’n teichte roimhe ’s nach buadhaichadh gu brath am meata. Bu choma leo treubhantas an duine bhig a bhiodh ri feadaireachd ’us fuaim. Gidheadh cha shireadh iad an cath ni ’s mo na sheachnadh iad e. ’Nuair bhuaileadh iad cu bhuaileadh iad gu math e, ’s nuair a bhiodh iad ris an obair sin co dhiubh, bhiodh e nan cuimhne nach d’ fhag claidheamh Fhinn riamh fuigheal beuma, ’s ged a theireadh iad an drasda ’sa rithist gu ’m bu ghiorrad an Gall an ceann thoirt dheth, cha bu mhios iad air a thaillibh sin na daoine eile, seadh co idir a b’ fhearr na iad ri ’n linn?” Cha robh daoin ann riamh gun lochdan co dhiubh, ach tha sean-fhacal ann air an robh na Gaidheil gle speiseil a bu chor a bhi fada nan cliu ’s b’ e sin nach do chuir Fionn riamh blar gun chumha, ’s e sin, gun chothrom tighinn gu cumhnant roimhe. ’Nuair thuigear fior ghne an naduir chitear nach b’iad na daoine doirbhe bh’unnta a dheanta dhiubh le eachdruidh am bitheantas; mar a theirear cha d’thugadh ann an Cillemacheallaig fhein breith ni bu chlaoine na thugadh orra do reir na gne so. ’Se mar rinneadh ann an Cillemacheallaig o’n tha mi aige, ged is coltach gur duilich a’ shonruchadh c’ait am bheil e, Cuirt lagha na Mod a chumadh an sin air fear a ghoid beathach eich. Le goinnead nam firionnach anns an taobh duthcha sin aig an am b’iad mnathan tha e air innseadh bu bhreitheamhna, ’s cha’n eil teagamh agam nach robh car de bhaighealachd aca ris an duine eadhon ged bu mheirleach a bh’ann, ’s fhuair e leigeil na sgaoil le cion dearbhadh na meirle na aghaidh. Ach fhuaradh an t-each aige rithist ’s a rithist, ’s thugadh gu Mod nam ban e. Na cheil esan ma b’ [TD 122] [Vol. 8. No. 16. p. 2] fhior roimhe, dh’innis e nis, ’s cha robh sgeulach nach robh breugach; chothaich e air fhirinn ’s air fhacal gu’r h-ann a bha de thlachd aig an each airsan, gu ’m biodh e na ruith as a dheigh ’s ga leantuinn gun a chuireadh san anns gach aite, ’s nach b’ urrainn dhasan gun fiughair a dheanamh ris ged nach bu leis e; ’s e ’n co-dhunadh gus an d’ thainig na mnathan caomhail gu’m b’e ’n t-each bu choireach; leig iad as an duine ’s chroch iad an t-each. Ciod air bi mar bha na mnathan ’s cha’n’eil duine nach mol an trocaireachd ann an Cillemacheallaig chi sinn gu’m b’e barailean dhaoine glice bh’aig air seanairean mu gach ni a thigeadh mu’n coinneimh, ’s thig barail duine ghlic faisg do’n fhirinn, ach cha robh iad idir gun riaghailt a b’ airde na iad fhein. B’ aithne dhaibh cho coimhlionta ’s is aithne do neach beo an diugh gur gearr gach reachd ach riaghailt Dhe, ’s nach eil math nach treig ach math Dhe. Mu dheidhinn an t-saobh-chrabhaidh sin a thilgear a nis cho taircuiseach orra, cha’n ’eil mi idir cinnteach nach do dhearbh iad barrachd, ’s nach robh iad moran ni bu ghlice na sinne, ’nuair a thuirt iad, “an neach a gheilleas do ghiosragan geillidh giosragan dha.” Agus ’s iomadh ministir de dh’ aireamh an latha ’n diugh mu ’m faodadh iad a radh mar thuirt iad tric nan latha fhein, “Cha tuirt Dia fhein na thuirt thusa.” Co dhiubh b’ fhearr iad do thaobh creidimh no an luchd casaid an diugh mu ’m faoidte gu cinnteach ailis, Cha’n ioghnadh duine dall dhol le allt no le creig, Ach thusa do’n leir a choir nach dean le d’ dheoin dhi ach am beag.” Bha iad fiughail fialaidh mu’n cuid fhad ’s a mhaireadh e ’s cha bhiodh an suil an deigh na cosguis. Bheirte cuid oidhche do charaid ’s dheanta carthannas ris ged bhiodh ceann fo achlais. Bu bheag am meas air cuireadh cul na coise, ’s an duine bhiodh tuille ’s math air saodachadh an rathaid a labhradh a mach beannachdan spleogach gu leor ris an fhear thuruis a bha falbh ach aig am biodh beannachd Chaluim gobha fo anail, ma thogair ged nach till. Thuig iadsan nach b’fheaird eadhon an cairdeas fhein a bhi ro-dhian, ’s idir nach b’ fheaird e bhi fann neo-thogarrach. ’S e call caraid taghal tric ’s ’se call caraid taghal ainmig, toigheach ’s gam bi daoine air cuideachd a’ cheile ’si ’n riaghailt a’s lugha sharuicheas, mar bha ’n Ceisteir a bh’ anns a’ Ghaidhealtachd o chionn fada agus air a shiuhhal air feadh na duthcha a bhiodh air uairean a’ toirt na mnatha leis. Ach air latha gle shonruichte bha sid bha e ri dol do dh’ Inbhirnis ’s tha e coltach gu robh uaislean aige ri ’n coinneachadh an sin, ’s gu ’m bu cheart cho math leis ged nach fagadh a bhean an tigh an latha sin o nach robh i cho buileach gasda ris fhein, ach cha duraichdeadh e gun a toirt leis. Bu mhath leis i ’nuair nach biodh i ’n lathair, ’s bu chulaidh-sharuchaidh dha i bhi teann air. ’S cinnteach gu’n tug cuideiginn an aire do’n iomaguin san robh e, ’s ma b’ fhior gur h-e bha’n ceisteir ag radh ri ’bhean, Nis, na bi teann orm—’s mar gum buaileadh an t-aithreachas e—’s na bi fada bhuam’. Chaidh na facail na’n sean-facail ’s tha fhios againn gur h-iomadh suidheachadh air am freagair an riaghailt tha iad ag earalachadh. Cha robh uiread feum air comunnan measarrachd do reir bidh no dibhe ’s a th’ ann a nis, ged is fior gu’n dubhradh gu’m b’ fhearr aon torradh na da chomanachadh dhiag; cha robh ’n Gaidheal ceart riamh peasanach m’a bhiadh no m’a dheoch ’s ged ’s tric a dh’ fhiosraich e air a chosg ’s air ana-cothrom gu’n tig an t-acras ni’s trice na aon uair, bha e na chomhnadh mor leis nach do chuir Dia riamh beul thun an t-saoghail gun a chuid fa chompair, gur h-e coir bhreith gach neach a bheo-shlaint fhaotainn; gidheadh dh’ fhoghnadh leis na dh’fhoghnadh, ’s bu mhiosa leis nan tuireasbhuidh tuille ’s a choir, an duine bhiodh sathach a ghnath bhiodh easbhuidh co-fhaireachaidh cheirt air. Cha tuig, ars’ esan, an sathach an seang, ’s mairg a bhiodh na chu da bhroinn. Ma tha’m brochan idir ann, biodh e tiugh no biodh e tana, nach math teth e, ’s mar bheil e ann, ged a bhitheadh beagan acrais ort, bi duineil; teannaich do chrios gus an faigh thu biadh. Cho beag ’g am biodh aig duine bha feinealachd air a toirmiesgeadh dha, leis gu’n tarruingeadh e ’n dimeas bu deine air fhein air a tailibh. Bhiodh an duine ro-chomharraichte bhiodh mosach ris na glasan, ’s e “dona” ’m facal a bh’acasan air feinealachd no spiocaireachd. “Taisg bonn ’us cosg bonn ’s bi sona, taisg bonn ’s na cosg bonn ’s bi dona.” An lamh a bheireadh ’s i gheibheadh ’s am fear nach biathadh a chu cha ruigeadh e leas a stuigeadh. B’ ann air fear na fiadhlaidheachd fhein, ’s air an lamh nach soradh, a bhiodh gach rath, gus an traighte mhuir le cliabh cha bhiodh fear fial falamh. Bha dichioll, foighidinn, ’us saothair onarach mar an ceudna air am meas gu miaghach cuide ris gach deagh bheus eile; b’ fhearr an rathad fada glan no ’n rathad goirid salach. Le foighdinn gheibhte furtachd ’s gheibheadh eadhon trusdar bean. Ged nach biodh duine cho fior dhichiollach ’sa bha Murchadh—’nuair a bhiodh Murchadh so na thamh bhiodh e ri ruamhar, ’s cha chuireadh e ionghnadh orm air taillibh a shior shiubhail ged b’e so a cheart Mhurchadh air am biodh an catan annasach—thigeadh e air uair ’san raidhe ’s mhaireadh e tri miosan—bha ’n dichioll ri chur gu deuchainn cho tric ’s bu choir, ’s ged nach biodh ann ach an dichioll lag b’ fhearr e na ’n neart leisg, ach idir gun a bhi mar bha iasgairean Bharbhais nach rachadh gu muir gus an cluinneadh iad gu’n d’ fhuair feadhainn eile iasg. ’S eibhinn ri thoirt fa-near cho neo’r thaingeil neo-eisimealach ’s a bha nadur nan Gaidheal an deidh a h-uile car. Dh’ foiosraich iad gu ’m b’ann a a reir do mheas ort fhein a mheasadh cach thu. ’S ann a’ beachdachadh mar so ’s cinnteach a bha ’m fear a thuirt, “ged tha mi bochd tha mi uasal, buidheachas do Dhia ’s ann de Chloinn ’Illeathain mi.” ’S mar thuirt am fear eile cuideachd, ged a b’ ann air ramh eile bha e o’n a b’ uaill gun fheum dha e, “Ma ’s coma leis an Righ Eoghan, ’s coma le Eoghan co dhiubh. ’S ann airson faireachduinean mear ’us dian a dh’ aindeoin eachdruidh eile a’s comharraichte nadur a’ Ghaidheil, ’s ma ’s b’e spuinneadh ’us creachadh ’us do-bheirt bu rogha miann a’ chridhe nach bu neonach gu’m bu docha leis am bonnach beag le beannachd no ’m bonnach mor le mollachd, ’s gu ’n cuireadh e ’naire air thoiseach air ni eile air an t-saoghal. ’S e thuirt e—“Is beo duine an deidh a sharachadh ach cha bheo an deidh a narachadh.” Tha so a comharrachadh gu robh suil bheachd gle bhiorrach aig gach neach air beusalachd no mi-bheusalachd a choimhearsnaich. ’S e teisteanas a choimhearsnaich a bh’ann air gach neach. Cha ’n abair mi idir gu’m bheil an t-amharus math, ach is glic duine na earalas, ’s air fhiosrachadh dhasan, nach biodh a a h-uile coir aige bhi faicilleach roimh ’n chealgair a ghoideadh an t-ubh circe nach goideadh e’n t-ubh geoidh. Saoil sibh am b’ann amharasach a bha e ged a dh’ionnsaich e mu’n chleachdadh a bh’aig Niall gu’n robh e riamh ris, ’s gu ’m biodh am fear a bhiodh carach ’s a bhaile so carach ’sa bhail’ ud thall? B’e gnaths uasal ’s cleachdadh beusail grinn a gheibheadh an t-urram aige. Dh’ aithnicheadh e an sgonna-bhallach ’s a mhaduinn, mu ’n deanadh e car ach a’ bhrogan a chuir uime, bhristeadh e ’m barriall, ’s nuair bhiodh an t-umpaidh am measg dhaoine ’s e smugaidean a mhilleadh a’ chuideachd. Ach far am biodh an deagh dhuine leis, bu duine e ’n cuideachd ’s na aonar. Cha bu leom Leathanach no spagada-gliog Chloinn Domhnuill a dhearbhadh an duine tuigseach, ach an gniomh bhiodh ionraic; ’s ann a mhilleas danadas modh ’s is i ’n dias a’s truime ’s isle chromas a ceann. Do reir na h-oigridh nach bu chaomhail muirneach an doigh anns an do chuireadh mu’n coinneamh iad a bhi iriosal curamach ’s gun imeachd ach direach a reir an comuis. Anns an rann, “Ged dh’fhaodas luingis mhora Dol air taisdeal fada, Feumaidh sgothan beaga Seoladh dlu do ’n chladach.” Do thaobh mhnathan bha na Gaidheil a ghnath measail curamach na’n cainnt, ’s tha e aidichte le daoine fiosrach ga bheil a leithid sin an comhnuidh na dhearbhadh air ard shuidheachadh inntinn sluaigh. Thug iad gun teagamh sam bith an rabhadh fior ud do fhleasgaichean am fear a phosadh bean gu’m posadh e dragh, ach ma choinneamh sin b’ fhearr bean ghlic na crann us fearann, ’s b’ e ’m beachd-san le run ’s le firinn am fear a labhradh olc mu mhnaoi gu’m biodh e cur mi-chliu air fhein. Tha e coltach gu robh na boirionnaich ura no na nuadhagan car iomraiteach ’s na laithean ud mar tha iad ’n ar aimsir fhein, ach tha mi cinnteach gur h-e thug tur-shiocadh air an seorsa ’sa Ghaidhealtachd ma bha iad riamh ann tairealachd ro-eifeachdach an t-sean-fhacail, “Is coma leam an rud nach toigh leam eireagan a’ dol nan coilich.” Cha’n ’eil deagh bheus a ghabhas ainmeachadh nach fhaighear air a chliuthachadh anns na sean-fhacail. Firinn, ceartas, dillseachd, tapadh, measarrachd, dichioll, aoidhealachd, irioslachd, cairdeas, ’us ciall, cha’n ’eil dearmad no deireas air am moladh. Bu mhath leam uine sin a radh gu ’n gabhadh na sean-fhacail cur gu mor-fheum ann an lamhan fir eachdruidh, agus gu’m biodh an eachdruidh sin ann an tomhas mor ur, a sgriobhte ann an solus an fhiosrachaidh a tha iad a leigeil ris. Ach an uair a bhios am port a fas fada bi e fas searbh ’s ma’s ceol fidilearachd fhuair sibh gu leor dheth. (A’ chrioch.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XVI. Dh’ fhosgail Badoura a brollach, agus thuirt i, “A bhana-phrionnsa, tha mi ’n dochas gu’n toir thu mathanas dhomh. Air a’ chuid a’s lugha, tha mi ’n dochas gu’n eisd thu ri mo sgeula, a chum gu’n tuig thu an t-aobhar a thug orm mi fhein a chur ann an riochd firionnaich.” An uair a leig Badoura ris do nighean Armanois, righ Ebene, gach ni m’ a timchioll fhein, agus a dh’ innis i dhi a h-uile car mar a dh’eirich dhi o’n a dh’fhalbh i a taigh a h-athar comhladh ri Alsaman, ghuidh i oirre gu durachdach nach innseadh i do neach beo mar a bha cuisean, agus gu’n cuireadh i an ire dh’ a h-athair gu’n robh i riaraichte gu leor le a staid. Thuirt nighean an righ ri Badoura, “A bhana-phrionnsa, is iongantach da rireadh mar a thachair dhut. An deigh dhut eolas a chur air Alsaman ann an doigh cho iongantach, agus am posadh a thachairt mar nach do thach- [TD 123] [Vol. 8. No. 16. p. 3] air posadh air an cualas iomradh riamh, tha e neonach gu’n tachradh dhuibh le cheile mar a thachair. Guidh air a’ Chruithfhear gu’n tachair thu fhein agus d’ fhear-posda ri cheile ann an uine ghoirid. Agus theid mise am bannadh dhut gu’n cum mise aim an cleith an diomhaireachd a leig thu ris dhomh. Cha’n urrrainn toileachadh a’s mo a bhith agamsa na bhith fiosrach gur mi an aon neach ann an rioghachd fharsuinn Ebene aig am bheil fios air gach ni mu do dheidhinn, am feadh ’s a tha thu, ann an riochd prionnsa, a’ riaghladh cho glic thairis air an t-sluagh. Cha’n ’eil mi ag iarraidh ort ach a bhith ’nad bhana-charaid dhomh.” ’Na dheigh so phog iad a cheile, agus chaidh iad a laidhe. Gu math trath ’s a’ mhaduinn dh’ eirich Badoura, agus, mar bu ghnath leatha, chaidh i do thalla na comhairle a chum coinneamh a chumail ri ard-uaislean agus ard-mhaithean na rioghachd. Chaidh an righ do ’n t-seomar anns an robh a nighean a’ cadal a chur failte na maidne oirre, agus an uair a chunnaic e gu’n robh i gu sunndach, aoidheil, bha e anabarrach toilichte. Agus air an aobhar sin bha Badoura fo mhor mheas aige, gu sonraichte o’n a bha i riaghladh na rioghachd gu glic agus gu cothromach. Am feadh ’s a bha cuisean a’ dol air an aghart mar a dh’ ainmicheadh ann an cuirt righ Ebene, bha Alsaman a’ fuireach maille ris a’ gharadair ann am baile an luchd iodhol-aoraidh gus an seoladh long gu ruige Ebene. Air madainn araidh an uair a bha Alsaman a’ deanamh deiseil gus a dhol a dh’ obair do ’n gharadh mar a b’ abhaist dha, chuir an garadair bacadh air, ag radh, “Bidh feusd mhor aig an luchd iodhol-aoraidh an diugh, agus o nach dean iad fhein car obrach ach a’ deanamh gairdeachais, cha leig iad leinne car a dheanamh na ’s mo. Gus an toileachadh agus a bhith ann an reite riutha, tha mise mar is trice a’ cur seachad latha na feisde comhladh riutha. Air an aobhar sin cha bhi dad agadsa ri dheanamh an diugh. Fagaidh mise ann an so thu. O ’n a tha ’n t-am a’ tarruinn dluth anns am bi longan a’ seoladh as a so gu ruige Eilean Ebene, chi mise cuid dhe mo chairdean; agus an uair a gheibh mi fios c’uin a bhios long a’ soladh, cuiridh mi mu dheidhinn aite fhaotainn dhut air bord na luinge.” An uair a thuirt an garadair so, chuir e uime an deise b’ fhearr a bh’ aige, agus dh’ fhalbh e. An aite dhol a dh’ fhaicinn gach fearas-chuideachd agus greadhnachas leis an robh sluagh a’ bhaile gu bhith ’cur seachad an latha, dh’ fhan Alsaman aig an taigh. O’ n a bha e ’na onar, thainig iomadh rud a dh’ ionnsuidh na h-inntinn aige. Agus b’ e rud bu mho a chuir de dhragh air an inntinn aige, a bhith ’smaointean air an doigh amaidich air an do thachair dha dealachadh ri Badoura. Bha e ’sraidimeachd sios is suas air feadh a’ gharaidh, agus bha e gle thursach, trom-inntinneach, le bhith a’ smaointean air gach mi-fhortan a thainig ’na rathad. An uair a bha e greis mhath anns an t-suidheachadh so, thug e an aire gu’n robh da eun a’ cath gu teith, teann air craoibh an taobh thall dheth. Sheas e ’g an amharc, agus an dian chath a bha eatorra a’ cur ioghnaidh gu leor air. An uair a bha na h-eoin greis mhath a’ cath, thuit fear dhiubh sios marbh aig bonn na craoibhe; agus ghrad thug an t-eun a bha beo e fhein as. An ceann beagan uine thainig da eun mhora a bha ann an aite eile dhe ’n gharadh, agus a chunnaic an cath a bha eadar a’ cheud dha eun, far an robh an t-eun a bha ’na shineadh marbh aig bonn na craoibhe. Sheas fear dhiubh aig a cheann, agus am fear eile aig a chasan. Bha iad greis ag amharc air, agus iad a’ crathadh an cinn mar chomharradh gu’n robh doilghios mor orra. ’Na dheigh sid chladhaich iad le ’n casan slochd anns an do chuir iad an t-eun marbh, agus dh’ itheadh iad air falbh. Ann am beagan uine thill iad air ais, agus an t-eun a rinn am mort aca eatorra. Bha greim aig fear dhiubh air sgeith air, agus bha greim aig an fhear eile dhiubh air chois air. Bha’n t-eun a’ glaodhaich gu muladach agus a’ feuchainn cho math ’sa b’urrainn da ri e fhein a thoirt as. Thug iad e thun an aite anns an do thiodhlaic iad an t-eun eile, agus ghabh iad dha gus an do mharbh iad e. Agus an uair a mharbh iad e, thug iad am mionach as, agus dh’ fhag iad ann an sid e. Fhad ’s a bha ’n obair ud a’ dol air aghart eadar na h-eoin, bha Alsaman ’na sheasamh anns an aon bhad, agus e ’gabhail ioghnaidh nach bu bheag dhe ’n obair a bh’ aca. An uair a dh’ fhalbh na h-eoin, choisich e null thun na craoibhe aig an robh na h-eoin a’ cath. Dh’ amhairc e gu geur air closnach agus air mionach an eoin a bha marbh aig bonn na craoibhe, agus thug e an aire gu’n robh rud eiginn air an robh dath dearg am mach slaodadh ris an sgroban aige. Thog e ’na laimh e, agus ciod a b’ iongantaiche leis na fhaicinn, gur i a’ chlach-bhuadhach a thug e fhein as a’ chrios aig Badoura a bh’ann, agus a thug a leithid de dhragh ’s de bhron ’s de thrioblaid dha fad iomadh latha. “A dhroch creutair!” ars’ esan ris fhein, agus e ag amharc air an eun a bha marbh air a bheulaobh, “bu mhor an tlachd a bh’ agad ann a bhith deanamh uilc; agus, mar sin, cha ’n ’eil uiread de dh’ aobhar agamsa air a bhith ’gearain air na rinn thu orm. Ach mar bu mho a bha ’n t-olc a rinn thu orm, is ann is mo tha mise ann an comain na feadhain a rinn dioghaltas ort.” Cha’n urainnear cainnt a chur air an staid aoibhnich anns an robh Alsaman aig an am. “A bhana-phrionnsa mo ghaol,” ars’ esan ris fhein, “cha robh mi mionaid riamh ’nam bheatha cho aoibhneach ’s a tha mi ’n drasta. Fhuair mi mu dheireadh greim air an ionmhas a bha cho luachmhor dhuinn le cheile. Agus cha ’n ’eil teagamh nach coinnich sinn a cheile fhathast; agus faodaidh nach bi an uine fada. Taing do Dhia a chuir am fortan so ’nam rathad, agus a tha ’toirt dhomh dochais gu’m faigh mi fhathast an sonas sin air am bheil mo chridhe cho mor ann an geall.” An uair a thuirt e so, thug e pog do ’n chloich-bhuadhaich; agus an uair a phaisg e gu curamach ann an ribinn i, cheangail e m’ a ghairdean i. Gus a sid, b’ ainneamh leis tamh no cadal ceart fhaighinn air an oidhche; ’na dheigh sid, chaidil e cho trom ris a’ chloich. Bha e na b’ fhaide na b’ abhaist dha gun eirigh, agus an uair a chuir e aodach na h-obrach uime, dh’ fhaighneachd e de ’n gharadair ciod an obair a bh’ aige ri dheanamh an lath’ ud. Thuirt an garadair ris, gu’n robh seana chraobh anns a’ gharadh nach robh ’giulan toraidh bliadhna sam bith, agus gu’m b’ fhearr dha dhol ’g a spionadh. An uair a bha Alsaman a’ gearradh freumhan na craoibhe leis an tuaidh, bhuail an tuadh air rud eiginn cruaidh a rinn fuaim mor. Ghrad chladhaich e mu thimchioll na chraoibhe, agus an uair a spion e a’ chraobh, fhuair e dorus-falaich fo ’n chraobh, agus leachd mhor, leithinn de dh’ umha air a’ bheul aige. An uair a thog e an leachd, agus a chaidh e sios deich ceumannan staidhreach, rainig e seomar a bha mu fhichead troidh air gach rathad, anns an robh leith cheud crogan umha. Agus an uair a dh’ fhosgail e fear an deigh fir dhiubh, fhuair e iad luma lan oir. Thill e suas an staidhre, agus e gle aoibhneach a chionn gu’n d’ fhuair e ionmhas a bha anabarrach mor. Chuir e an leachd air beul an tuill mar a bha i roimhe. (Ri leantuinn.) Inntreachdain an t-Soisgeil. LE D. B. BLAIR, D. D., NACH MAIREANN. Cha ’n ’eil fios cinnteach againn c’uin a thainig an soisgeul do’n Ghaidhealtachd an toiseach, ach a reir coslais an uair a bha disciobuil Chriosd air an geur-leanmhuinn leis an uachdaranachd Romanach, bha e dualach dhoibh teicheadh gu tuath thar a’ bhalla a bha eadar na Romanaich agus fineachan Chaledonia. Gun teagamh bhiodh iad sin eudmhor a chum an soisgeul a chraobh-sgaoileadh am measg nan Gaidheal a ghabh riutha agus a thug didean doibh o an-iochd nan naimhdean; agus mar so bha iad ’n am beannachd do ’n tir, agus ’n am meadhon air an t-soisgeul a thoirt a steach innte. Do bhrigh gu ’n d’ fhuair iadsan fasgadh o stoirm na geur-leanmhuinn, threoraich iad an sluagh a thug so dhoibh a dh’ionnsaidh an Ti sin a tha mar ionad-fasgaidh o ’n ghaoith agus mar dhidean o’n doinionn. Cha’n ’eil dearbhadh sam bith againn mu thimchioll an am anns an d’ thainig na ceud theachdairean soisgeulach do’n tir, ach, mu ’n bhliadhna A. D. 209, tha Tertullian ag radh, “Anns na h-aitibh sin de Bhreatunn far nach b’ urrainn na Romanaich teachd tha an soisgeul a’ buadhachadh ionnas gu ’n do gheill iad do Chriosd; agus tha ainm agus rioghachd Chriosd a’ ruigsinn a dh-ionnsaidh aitean a thug dulan do fheachd na Roimhe.” Tha Origen a’ toirt fianuis air an ni so mar an ceudna agus sgriobh esan mu ’n bhliadhna A. D. 230. A reir teisteanais nan ughdar so chi sinn gu’n robh eolas an t-soisgeil air a chraobh sgaoileadh gu ruig Caledonia mu dheireadh na dara linne no mu thoiseach na treas linne; ach cha’n eil cunntas cinnteach againn mu na ceud theachdairean so a chuir an ceill sgeul aoibhneach na slainte do ar sinnsearaibh. Is e Ninian a’ cheud neach air am bheil iomradh sam bith againn; aon de na seann Bhreatunnaich a rugadh mu’n bhliadhna A. D. 360 agus a thainig a shearmonachadh do cheann deas na h-Alba mu’n bhliadhna A. D. 400. Tha an t-Eachdraiche, Bede ag radh “Gu’n deachaidh na Pictich dheas iompachadh o iodhol-aoradh agus an toirt gu eolas na firinn le Ninian, duine naomh de na Breatunnaich.” B’iad na Pictich dheas na Gaidheil a bha fuireach air taobh deas nan Garbh-bheanntan (Grampians) anns an tir a tha ’deanamh ’suas siorramachd Fiofa, pairt de shiorramachdan Pheairt, Shruithleadh agus Aonghais. B’ anns na h-aitibh so gu sonruichte a bha Ninian a’ sermonachadh an t-soisgeil, gidheadh is cosmhuil gu’n robh e ’dol air thurasaibh n’a b’ fhaide gu tuath, do bhrigh gu’m bheil moran eaglaisean no chilltean air an ainmeachadh airsan agus cuid diubh sin an ceann tuath na Gaidhealtachd. An deigh Ninian thainig Palladius mu’n bhliadhna A.D. 432. Bha esan air tus a searmonachadh ann an Eirinn, ach a sin thainig e nall do dh’Albainn far an do shearmonaich e an soisgeul agus fhuair e bas ann an siorramachd Chinn-Chardainn ann an tir nam Picteach, am measg nan seann Ghaidheal. Gidheadh, a reir teisteanais nan seanchaidhean eaglaiseach bha teachdairean am measg nan Ghaidheal roimh na daoine so a shearmonaich an soisgeul, a theagaisg an creideamh agus a fhritheil na sacramaidean dhoibh ged nach ’eil an ainmean an diugh air an cumail air chuimhne. Re fad da cheud bliadhna roimh theachd (Air a leantuinn air taobh 126.) [TD 124] [Vol. 8. No. 16. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, OCTOBER 27, 1899. Tha riaghladh Bhreatunn ag iarraidh da mhile tunna feoir a Canada, air son a chur do’n Transvaal. Tha e ri bhi ann an Cape Town romh Nollaig. Cha’n eil an cogadh a dol leis na Boers mar a shaoil iad a rachadh e. Bha duil aca fhein ’s aig muinntir eile gu’n rachadh na ceud bhlair leotha, oir cha’n éil arm Bhreatuinn fhathast ach gle lag air criochan an duthcha; ach ged nach eil fhein, tha iad a toirt tillidhean matha do na Boers. Deireadh na seachdain s’a chaidh, bha tri blair air an cur, Dior-daoin, Di-haoine ’s Di-satharna, agus thug saighdearan Bhreatunn buaidh anns gach aon diubh. Chaidh aireamh mhor a mharbhadh de na Breatunnach, ach bha call nam Boers moran na bu truime. B’ fheudar do Shir Tomas Lipton tilleadh dhachaidh do Bhreatunn gun an cupan a chosnadh idir. Rinn an Columbia an gnothuch air an t-Shamrock anns an treas reis mar a rinn i anns an dha eile. A bharrachd air an duais a chall, chosg an reis do Lipton, eadar togail na birlinn ’s gacn cosguis eile, corr us muillein dolair, ach tha daoine deanamh a mach nach bi an call mor sin gun bhuinig bheag dha; tha e ’na mharsanta ti, agus ’si bharail a tha aig cuid gu ’m bi feill cho mor air a chuid ti anns gach cearna dhe ’n t-saoghal air sailleabh na reise chur ’s gu’m bi e na’s saoibhire an ceann bliadhna no dha na bhitheadh e mur robh e air feuchainn ri cupan na h-America a chosnadh idir. Cha ’n eil fhios, gu dearbh, nach robh sin ’san amharc aige o fhior thoiseach a ghnothuich. Tha seann eaglais Chaluim Chille ann an eilean I air a toirt mar gheibht do Eaglais na h-Alba le Diuc Earraghaidheil, d’am buin an t-eilean. Tha’n eaglais ri bhi air a caradh gu curamach; cha teid atharrachadh sam a dheanamh air na tha ’na sheasamh dhith, agus cha’n fhada ’n uine gus am bi coithional Gaidhealach ag aoradh anns an ionad anns an robh an sinnsirean ag eisdeachd ri searmonachadh an t-soisgeil corr us mile bliadhna air ais, agus gach ni cho faisg air a bhi mar a bha e ri linn Chaluim Chille fhein ’sa ghabhas a dheanamh. LITIR A STRATHALBA. Is fada bho nach faca mi facal anns a MHAC-TALLA a Strathalba. Tha “Murchadh Cam” fein air stad le pheann, ach nuair chuireas e drochaid air gach sloc us alt air feadh an eilean cluinnidh sinn fathast uaith. Bidh barachd uine aige nuair thig na h-oidhcheanan fada geamhraidh. Tha aobhar aig muinntir an eilean so a bhi gle thaingeil air son toradh na talmhuinn. Tha barr maith deth gach seorsa againn air a bhliadhna so, agus pris chuimseach air gach ni is urrainn tuathanaich a sheachnadh. Bha foghar ann cho math ’sa chunnacas riamh air son gach barr a chur fo dhion. Bha ’n aimsir gle chothromach anns gach am de’n bhliadhna. Fhuair sinn ‘samhradh breac riabhach agus foghar geal grianach’. Tha gun teagabh coir againn a bhi taingeil do ’n fhreasdal. Cha’n ’eil ni sonruichte sam bith agam ri aithris, “Is maith an sgeul a bhi gun sgeul idir.” Tha sluagh an aite so ann a seilbh air tomhas mhaith de shlainte aig an am. Tha seann daoine agus clann aig baile agus tha na gillean oga ’s na h-igheanan oga air falbh anns na Staidean no anns an Airde-’n-Iar-Tuath. Tha e taitneach a bhi cluinntin gu bheil iad na’n caitheannas a deanaibh gu maith, agus mar an ceudna cuimhneachail air na dh’ fhag iad as an deigh. Tha Sacramaid Suipeir an Tighearna air a frithealadh anns an sgire so da uair ’sa bhliadhna—anns an t-samhradh agus anns an fhoghar. Air a bhliadhna so bha ministear a chothionail air a chuideachadh aig comanachadh an t-samhraidh leis na h-Urr. Eobhann Gillios, agus D. B. MacLeod, dithis de mhinistearan an eilean so. ’Se Albannach mor foghainteach a th’ ann a Mr. Gillios; ’s math a Ghailig a th’ aige Fhuair Mr. MacLeod a bhreith us arach an Eilean a Phrionnsa, ach cha robh e ach na ghille og ’nuair chaidh ’athar le a theaghlach a mach do na Staidean-an-Iar, far an fhuair Mr. MacLeod fhaolam. Bha e na mhinistear na h-eaglais Chleirich ann an Quincy, Mass., fad bhliadhnachan. An deigh sin fhuair e gairm gu Orwell, E. P. I., sgire a bhreth, agus air a bhliadhna so fhein bha e air a ghairm gu aon de eaglaisean Cleireach baile mor Charlottetown. Tha lann a chinn do Ghailig aige ged nach eil e deanamh moran feum dhi anns a bhaile mhor. Bha cuideachadh maith againn aig Sacramaid an fhoghar mar an ceudna, an t-Urr. Seoras Muileir (Miller), a Brookfield, agus an t-Urr Iain M. Mac Leod, a New Mills, N. B. Is iar ogha Mr. Miller do ’n Dr. Mac Gregor ainmeil a bha na mhinistear am Pictou, ughdar “Dain a Chomhnadh Crabhaidh.” Phos nighean an Dr. Mac Gregor fear Patersonach, phos nighean a Phatersonaich fear Miller, agus is mac dhaibhsan ministeir Bhrookfield. Cha’n eil facal Gailig na cheann ged bu ghlan a Ghailig a bh’aig a shi-seanair agus aig a sheanmhair. Is mac Mr. Iain M. Mac Leoid, do Mr. Alasdair Mac Leoid, a Valleyfield, E. P. I. Thainig Alasdair na dhuine og a mach do ’n duthaich so a Eilean-a-Cheo. Thuinnich e ann a Valleyfield, far na thog e teaghlach mhac agus nighean. Tha chuid nighean a nis uile air an tigheadas. Tha fear de chuid mac na thuathanach maille ris fhein, tha dithis dhiu na ministearan, tha fear eile na mharsanta, agus tha a mac is oige aige anns an oilthigh a Halifacs. Sud, ma tha, an luchd cuideachaidh a bha againn air a bhliadhna so. Bha ’n sluagh gle riaraichte leis an sheirbheis a thug iad dhuinn, agus dh’ fheudadh iad sin; tha iad uile nan teachdairean durachdach soisgealach. Beannacha uamsa gu luchd-leughaidh a MHAC-TALLA anns gach cearn dhe’n t-saoghal mu’n iath a ghrian. “Ugad fein tha beannachd dubhailt, O’n a chuir thu uigh ’sa Ghailig.” C. C. Strathalba, E. P. I., Oct. 20, ’99. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Niall Mathanach, Sidni. A. I. Moireastan, Port Hawkesbury. An t-Urr. D. Mac Isaic, Glendale. Iain Mac Coinnich, Gut Mhira. Gilleasbuig Mac-a-Bhiocair, Catalone. A. Domhnullach, Beinn-nan-Sgiathanach. Eos. A. Mac Neill, Glengarry Valley. Raonull Caimbeul, Summerside, E. P. I. Niall Mac Kelvie, Summerside, E. P. I. Niall Mac Leoid, Summerside, E. P. I. Aonghas Mac Suain, Summerside, E. P. I. D. K. Mac Mhuirich, Summerside, E. P. I. Jenetta Nic Phail, Summerside, E. P. I. Seonaid, Bhellairs, Springbank, Ont. Eachunn Dughlach, Exeter, N. H. An t-Urr. Coinnich Mac Coinnich, Graniteville, Vermont. THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. [TD 125] [Vol. 8. No. 16. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha sinn duilich a chluinntinn o’n Urr. Calum Caimbeul, ministear Strathalba, E. P. I., gu bheil ’aon mhac, Alasdair, ’na lasdhe tinn ann an Charlottetown, far an robh e dol dh’ an cholaiste. Tha na dotairean a toirt deagh mhisneach dha pharantan gu’m faigh e thairis air a thinneas, agus tha sinn an dochas nach fhada gus am bi e air aiseag gu shlainte. Thachair droch sgiorradh air an International Pier oidhche Di-mairt leis an robh duin’ og d’am b’ ainm Domhnull Mac Gillean air a mharbhadh, agus fear Iain Domhnullach air a ghoirteachadh cho dona ’s nach eil duil ri e dh’ fhaotainn thairis air. Bha iad a toirt bricks far soithich, agus bhuail an cro anns an robh iad ’gan togail ’gan tilgeadh thairis air an laimhrig. Tha an Domhnullach beo fhathast, ach bha Mac Gilleain air a mharbhadh air ball. Bhuineadh an dithis do St. Ann’s. Bha fear eile, Mac Neill a mhuinntir Ghlace Bay, comhla riutha, ach ghreimich esan air a chro ’nuair a bhuail e ann, ’s shabhail sin a bheatha dha. ’S e mile duine tha Canada a dol a chur do’n Transvaal a chogadh air taobh Bhreatuinn. Cha’n eil feum sam bith aig Breatunn air cuideachadh o Chanada, ach ged nach eil, tha e gle iomchuidh do Chanada a nochdadh do Bhreatuinn ’s do’n t-saoghal gu bheil i deonach an duthaich mhathaireil a chuideachadh ge b’e uair a chuireas i feum air. Tha saighdearan Chanada ’nuair a ruigeas iad an Transvaal, gu bhi ann an reiseamaid dhaibh fein; cha’n ’eil iad ri bhi air an roinn ’nam buidhnean ’s air an cur an ceangal ri reiseamaidean Breatunnach mar a bhatar an duil a bhitheadh iad. Bidh so na ’s fhearr le muinntir Chanada. ’Se ’s docha ’nuair a chruinnicheas a pharlamaid gu’n cuirear suim airgeid air leth air son cosguis na reiseamaid fhad ’sa bhios i anns an Transvaal, agus mar sin nach bi i na h-uallach sam bith air Breatunn. Bha coinneamh aig muinntir a bhaile ann an Talla na Siorrachd oidhche Di-haoine s’a chaidh, air son an guth a thogail an aghaidh na h-uarach aig am bheil an carbad-iaruinn a falbh ’sa tighinn o’n chaidh an tim-chlar atharrachadh. Tha iad air son an trein a dh’ fhalbhas a Sidni a chumail direach roimhpe gun a dhol a stigh do Sidni Tuath idir, ach trein as a bhaile sin a bhi ’ga coinneachadh aig an junction maduinn us feasgar. Ghiorraicheadh sin an t-slighe gu Sidni mu thri chairteil na h-uarach, agus cha chuireadh e eis no dragh sam bith air luchd-turuis gu Sidni Tuath ach gu’m biodh aca ri atharrachadh a aon charbad gu carbad eile aig an junction. ’S e sin a bha ’s an amhairc aig luchd-riaghlaidh an rathad a dheanamh, mar a dh’ aithris sinn roimhe, ach fhuaireadh seol air toirt orra am feachd atharrachadh. Cha ’n fhios co-dhiu ni iad atharrachadh air ais no nach dean, ach tha dochas againn gu faic iad iomchuidh ceartas a thoirt air doigh-eigin do Shidni, ni a shaolamaid a ghabhadh deanamh gun ana-ceartas a thoirt do Shidni Tuath no do aite sam bith eile. Chaidh banc ur fhosgladh anns a bhaile toiseach na seachdain s’a chaidh—The Bank of British North America. Cheannaicheadh an togalach a tha air oisinn sraidean Shearlot us Dorchester o D. J. Mac Fhionghain air ochd mile dolair. Rinneadh an ceannach Di-luain, agus aig meadhon-latha Di-mairt bha ’m banca fosgailte air son gnothuich. Tha ard-oifig a bhanca so ann an Lunnainn, agus tha e gle laidir, le muillein punnd Sasunn ach de dh’ airgead-calpa. Tha ’n Scotsman, an soitheach a chaidh air an creagan aig Belle Isle, air a dhol do ’n ghrunnd gu buileach. Dh’ fhuilig an luchd-turuis a bh’ air an t-soitheach moran mu’n d’ fhuaireadh cobhair a dheanamh orra; chaidh a tri deug a bhathadh. Tha na seoladairean, a bha ’gan robaigeadh, an aite bhi feuchainn ri ’n sabhaladh, ri bhi air am peanaisteachadh mar is coir. Tha ’n caiptean ag radh gu’n do ghiulan muinntir na duthcha a thainig timchioll an t-soitheach iad fhein anabarrach math. ’Nuair a bha na Staidean a dol a chogadh ris an Spainn an uiridh, rinn fear Caiptean Carter co-fheall ri cuideachdan ceannachd o’n robh an riaghladh a faotainn airm, bidh us annlan air son a chogaidh. Air an doigh sin chuir iad corr us muillein dolair de chall air an duthaich. Ach fhuaireadh na slaoightirean a mach, agus thugadh Carter gu cuirt, ’s air dha bhi air fhaotainn ciontach chuireadh as an arm e, chaidh ubhladh coig mile dolair a leagail air, agus thugadh coig bliadhna dhe’n tigh-obrach dha. Tha na ceannaichean ri bhi air am peanaisteachadh cuideachd. BAS. —Aig Sydney Forks, air Di-satharna, an 21mh latha dhe’n mhios, Aonghas Mac Fhionghain, anns a 87mh bliadhna dhe aois. Rugadh e ann an Uidhist a chinn a Tuath, agus thainig e do’n duthaich so comhla ri ’pharantan o chionn tri fichead bliadhna ’sa h-ochd. Thug iad fearann aig na Forks, air an do dh’ obraich esan fhad ’sa bha comas obrach aige, agus far an d’ thainig a chrioch air. Bha e ’na dhuine dichiollach, direach, agus onarach na dheiligeadh ris na h-uile. Bha eagal Dhe air, agus thug a chreideamh ann-san neart agus comhfhurtachd dha gus an uair mu dheireadh. Bha e toigheach air falbh agus a bhi maille ri Dia ’s ri Shlanuighear, d’an d’rinn e seirbhis cho dileas. Dh’ fhag e aon mhac, ’s seachdnar nighean, a bharrachd air moran chairdean, ris am bheil co-fhaireachdain againn a bhi ’g ionndrain athair agus caomh agus caraid cho luachmhor. —Air taobh deas Amhuinn Dnennis air an 11mh latha de dh’ October, an deigh bhi tinn ochd latha, Niall Domhnullach, 84 bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an eilean Cholla agus thainig e do ’n duthaich so air an t-soitheach “Polly” ’sa bhliadhna 1820. Chaidh a fhradharc a thoirt uaithe le blast fudair ann am meinn aoil ’s an robh e ’g obair an Rockland, Maine, air an 11mh latha de dh’ October, 1841, agus air a cheart latha ’s aig an am cheudna—mu dhol fodha na greine—da fhichead bliadhna ’sa h-ochd an deigh sin, chriochnaich e thurus anns an t-saoghal so. Ged a bha e dhith a fhradhairc an uine mhor sin, bha e ’n comas a dhol a choimhead air a chairdean, a dol cho fada ri Baddeck leis fhein ann am bata fosgailte. Bha e air aon de na seann daoine tha nise fas ainneamh ’nar measg. Bha e ’na dhuine tuigseach, fiosrach, agus onarach, air an robh eagal De, agus air an robh meas mor aig na h-uile. Rinn a bhas bearna nach gabh lionadh anns an sgireachd ’sa robh e fuireach. Bu bhrathair e do ’n Urr. Lachuinn Domhnullach, nach maireann, a bha na mhinisteir an Earltown, N. S. Dh’ fhag e dithis pheathraichean, agus aireamh mhor chairdean us luchd-eolais, a bhios ’ga ionndrain gu mor. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. INNEALAN GIULAN dhe gach seorsa AIR AN DEANAMH RI ORDUGH. GHEIRH CRUIDHEADH EACH AIRE SHONRUICHTE. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. A TUATH AIR AN TEMPERANCE HALL. South Charlotte St., Sidni. Cotaichean Mackintosh, Ulsters, Cotaichean Uachdair, Reefers, Coon, Dogskin & Wambat. AIG J. C. Mills, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. [TD 126] [Vol. 8. No. 16. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 123.) Niniain bha an creideamh Criosdaidh am measg nan Gaidheal a reir briathran Thertulliain agus is cosmhuill do bhrigh gu’n robh an luchd-teagaisg so a’ tuineachadh ann am bothanaibh agus an cuiltibh uaigneach, fasail gu’n d’ thugadh “Na Cuiltich” mar ainm orra le luchd-aiteachadh na tire,—ma dh’ fhaodaite ann an sgeig mar a thainig an t-ainm “Puritans” ann an linnibh an deigh so. Bha na Cuiltich ’n an daoine diadhaidh, foghluimte; agus chuir iad seachad an uine ann an ath-sgriobhadh nan Sgriobturan naomha, ann an urnuigh agus ann an trasgadh. Bha iad a’ searmonachadh do na Gaidheil a bha ann an taobh deas na Gaidhealtachd; ach bha na Gaidheil ’s an airde tuath—anns an duthaich ris an abrar a nis siorramachdan Inbhirneis, Rois, Chataobh, agus Ghallaobh, maille ris na h-eileanaibh mu thuath agus an iar, air an comhdach le dorchadas an aineolais, agus le tiugh cheo an iodhol-aoraidh gus an d’ thainig Calum-cille d’ an ionnsuidh le sgeul aoibhneach na slainte. Bha taobh tuath na Gaidhealtachd comhdaichte le tiugh dhorchadas an iodhol-aoraidh, agus aineolach air Rathad na Slainte troimh Chriosd gus an d’ thainig Calum-cille. Mu’n bhliadhna A. D. 563, dh fhag e Eirinn a chum an Soisgeul a shearmonachadh do na Gaidheil Albannach agus aig an am sin bha e mu thimchioll da bhliadhna agus da fhichead de dh’aois. Thainig da fhear dheug eile maille ris a chum a bhi ’n an luchd-cuideachaidh aige ann an craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil. Bha na daoine so cairdeach dha fhein agus is cosmhail gu’n robh iad air an dusgadh suas agus air an stiuradh leis an aon Spiorad cheudna. Bhuineadh Calum-cille fein do theaghlach rioghail na h-Eirionn, oir b’e Feilim, mac Fhearghuis, mhic Chonuill, mhic Neill naoigheallaich, a bha ’n a chean-tighe chlann Neill agus ’na righ air Eirinn, a b’ athair dha. Bha e mar an ceudna cairdeach do theaghlach rioghail nan Scuiteach ann an Earraghaidheal, oir b’e Feilim, mac Fhearghuis a bha ’na righ an Earraghaidheal; agus aig an am sin bha Conull, mac Chomhail, mhic Dhomhanairt, mhic Fhearghuis, a charaid fein ’n a righ air na Scuitich. Bha an righ so ’na iar-ogha brathair sinn-seanar do Chalum, mac Fheilim. Dh’fhag Calum agus a chompanaich Eirinn ann an curach no eathar de shlataibh caol air am figheadh agus air an comhdach a muigh le seicheachan. Sheol iad astar fada air a’ chuan gus an d’thainig iad air tir ann an I-Chaluim-chille aig aite ris an abrar o’n am sin, Port-a’-churaich. Tha an t-Eachdraiche urramach, Bede ag radh gu’n d’ thug Bruidhi, righ nam Picteach, coir do Chalum air Eilean I gu bhi mar sheilbh aige fein air son feum na h-eaglais. Tha feadhain eile ag radh gu ’n d’fhuair e coir air an Eilean o Chonull, Righ nan Scuiteach, a charaid fein. Faodaidh e bhi gu’n robh lamh aig an da righ Ghaidhealach so le cheile anns an eilean a dhaingneachadh mar sheilbh do Chalum agus do’n eaglais, do bhrigh gu ’n robh e mar gu’m b’ ann ’s a’ chrich eatorra, agus goireasach do gach aon de’n da rioghachd. An deigh do Chalum-cille e fein a shocruchadh ann an I, chaidh e air thuras gu Bruidhi, Righ nam Picteach a bha aig an am so a chomhnuidh aig ceann an iar Loch-Nis far am bheil an abhainn Nis a’ fagail an Loch. Bha an turas so ceud gu leth mile air astar bho I-Chaluim-chille. Aig an am sin bha an t-slighe garbh, deacair ri ’siubhal, le beanntaibh agus le aibhnichibh, maille ri caolasan-mara ’n uair nach robh rathaidean-mora sam bith ann, no bataichean-aisig ach gann ri’m faotainn. Chaidh e air a thurus troimh Ghleann-mor-na-h-Alba, seachad air an Apuinn, Coran-airde-gobhar, Inbhir-Lochaidh agus Leitir-Fhionnlaith. Chaidh e troimh Lagan-acha-droma agus Cille-Chuimein; agus thaoghail e an Gleann-Urchadain far an robh seann duine air iompachadh agus air a bhaisteadh. Ghabh e an sin air ’aghart gu ruig am Ban-ath aig ceann an ear Loch-Nis far an robh caisteal an righ—’s an aite ris an abrar an diugh Caisteal Spioradan. Aig an aite so choinnich e ri Brichean, ceannard nan Druidhneach, sagartan Paganach nan Seann Ghaidheil, a thug ionnsaidh air cur ’n a aghaidh a chum an Righ a thionndadh o’n chreideamh Chriosdaidh. Ach cha deachaidh so leis, oir thug Calum buaidh air mu dheireadh, agus dh’ iompaicheadh an Righ gus an Soisgeul a chreidsinn. An deigh sin bhuadhaich an Soisgeul am measg an t-sluaigh oir lean iad eiseimpleir an Uachdarain, agus ghabh iad ris a chreideamh aige-san, ni a bha dualach do na Seann Ghaidheil a dheanamh. Ann an uine ghoirid bha na Druidhnich air am fuadachadh as an tir; chuireadh an creideamh aca gu buileach air cul; agus fhuair Calum coir o ’n Righ air na h-aiteachan aoraidh a bha roimhe sin aig na Druidhnich. Shuidhich Calum Tigh-foghluim ann an I, far an robh moran dhaoine oga air an teagasg ann an eolas nan Sgriobtur agus air an uidheamachadh gu dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air feadh na tire. Bhuanaich e re ceithir bliadhna deug thar fhichead a’ searmonachadh anns gach aite air feadh na Gaidhealtachd gus an d’ thainig na Gaidheil no na Pictich thuathach gu leir gu bhi a’ creidsinn na firinn; agus tha e air ’aithris gu ’n do thog e corr agus tri cheud Ceall no Eaglais air feadh na h-Alba ann an caochladh aitean. Theirear “Cilltean” ris na h-aitibh-aoraidh so gus an la an CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! diugh mar a dh’ainmicheadh iad air tus le Calum. Bha e fein agus a chompanaich a’ saoithreachadh gun sgios am measg an t-sluaigh gus an d’ fhuadaich iad saobh-chreideamh nan Druidhneach gu buileach a mach as an tir agus an d’thainig an duthaich gu h-iomlan gu bhi ag aideachadh a bhi ’creidsinn ann an Criosd. Theirteadh “Cuildich” mar ainm ris an dream a bha ’n an co-luchd-oibre maille ri Calum-cille ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil. Fhuair Calum-cille bas anns a’ bhliadhna A.D. 597, air oidhche Di-Sathuirne, an 9mh la d’ an Og-mhios. Mu mheadhon oidhche chaidh e steach do’n Eaglais mar bu ghnath leis a dheanamh urnuigh. Chaidh e sios air a ghluinibh aig beulaobh na h-altrach. An ceann beagan uine lean a sheirbhiseach, Diarmad, a stigh as a dheigh, agus ghlaodh e a mach “C’ait’ am bheil thu, athair;” Fhuair se e ’n a shineadh an lathair na h-altarach agus e cosmhuil ris a’ chrich dheireannaich. Thainig na braithrean uile a stigh an sin agus thoisich iad ri gul agus caoineadh un uair a chunnaic iad an athair spioradail cosmhuil ri dol a chum a’ bhais; ach smeid esan riutha le ’laimh o nach b’urrainn e labhairt, a’ ciallachadh gu’n robh e a’ guidhe beannachd orra, agus goirid an deigh sin thug e suas an deo. An ceann tri laithean chaidh ’adhlacadh ann an Reilig Orain. Bha moran de dhaoinibh diadhaidh ’n an luchd-cuideachaidh aig Calum-cille ann an craobh-sgoileadh an t-soisgeil am measg nan Seann Ghaidheal. An uair a thainig e air tus a nall a Eirinn thug e leis da fhear dheug ’n an companaich. ’N am measg so bha Diarmad, a sheirbhiseach, agus Beathain mac Bhreanain, a’ rinneadh ’n a Abba air I-Chaluim-chille an deigh a bhais fein. B’e Breanan brathair ’athar Chaluim, agus thainig a dhithis mac, Beathain agus Conan, comhladh ris an teachdaire do’n Ghaidhealtachd. A reir coslais is ann mar chuimhneach an air Conan so a thugadh Strath-Chonain mar ainm air aite ann an Siorramachd Rois. B’e Coinneach aon eile dhuibhsan a bha ’nan co-luchd-oibre le Calum, agus an deigh bais Bheathain rinneadh e ’n a Abba air I, mu’n bhliadhna 600. Tha ainm Choinnich air a ghleidheadh air chuimhne ann an aiteachaibh air leth air feadh na Gaidhealtachd mar tha Cill-Choinnich an Cinntire, Cill-Choinnich aig ceann sear Loch-Lagain am Braighe Bhaideanach, Innis-Choinnich ann an Loch nan Ceal an [TD 127] [Vol. 8. No. 16. p. 7] Eilean Mhuile, Cille-Choinnich (Kilkenny) an Eirinn, agus aitean eile an Eirinn ’s an Albainn. Is ann de mhuinntir Eirinn a bha Coinneach agus bhuineadh e do Chlann-Ruadhraidh ann am mor-roinn Ulladh. B’e Ciaran mac an t-Saoir aon eile de chomhaoisibh Chalum-chille. Rugadh e anns a’ bhliadhna A.D. 515 agus fhuair e bas anns a’ bhliadhna 549 ’n uair a bha e 34 bliadhna dh’ aois. Bha Ciaran ’n a dhuine foghluimte agus diadhaidh, agus bha a chliu air a sgaoileadh am fad ’s am farsuinn air feadh Eirinn agus Albainn. Is ann mar chuimhneachan airsan a thugadh an t-ainm Cill-Chiarain air aon de sgireachdaibh Chinntire, agus Cill-Chiarain (Kilkerran) ann an siorramachd Ara maille ri aitibh eile air feadh na h-Alba. Chithear an uamh anns am b’ abhaist da bhi ’tamh am fagus do Cheann-Loch-Cille-Chiarain, anns na creagan laimh ris a’ mhuir air taobh deas a’ bhaile. B’e Donnan aon eile de chompanaich Chaluim-chille. Gheibhear ainm an duine so air chuimhne ann an Cill-Donnain an Eilean Eige, agus Cill-Donnain, sgireachd an taobh tuath Chaotabh. Tha e air ’aithris gu’m b’ e Donnan an t-aon neach a chuireadh gu bas air son fianuis Chriosd ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nan Seann Ghaidheal. Tha cuid ag radh gu’n do mharbhadh e fein agus leth-cheud eile ann an Eilean Eige, agus a reir beachd muinntir eile, chaill e a bheatha ann an Cill-Donnain an Cataobh. Thachair so mu’n bhliadhna 617. Bha na ceud theachdairean soisgeulach so ’n an daoinibh foghluimte, daidhaidh, saoithreachail, agus thriall iad a bhos agus thall air feadh na Gaidhealtachd agus Eileanan na h-Alba a’ cur an ceill sgeul aoibhneach na slainte do ’n luchd-aitich borb agus aineolach. Bha obair an creidimh agus saothair an graidh gu minic air a bacadh leis na cogannaibh fuilteach a b’abhaist a bhi eadar na fineachan Gaidhealach, na Scuitich agus na Pictich, ach a dh’aindeoin gach ana-cothrom agus cnap-starra a bha ’s an rathad bhuanaich iad ’n an saothair gus an do gheill na Gaidheil gu h-iomlan do shoisgeul Chriosd. A mach a I-Challum-Chille chaidh na teachdairean Criosduidh a chum gach ccarna dhe’n duthaich gu ruig Cataobh, Gallaobh, agus Eeleanan Arcaimh gu tuath, agus gu ruig an t-Eilean Sgiathanach, Leoghas, Uist, Barraidh agus a’ chuid eile de Eileanaibh na h-Airde ’n iar an Alba. Bha I-Challum-chille ainmeil air son foghluim agus ard-sgoilearachd, agus as a sin bha daoine foghluimte a’ dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air tir-mor na Roinn-Eorpa. Bhuadhaich on soisgeul am measg nan Seann Ghaidheal; bha Eaglais bheo, spioradail, aig Criosd anns an tir, a bha ro gniomhach ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nam Paganach Sasunnach, ann am Breatunn, agus anns a’ Ghearmailt. Cha’n ’eil moran cunntais, againn mu’n deibhinn ann an Eachdraidh, ach tha iomradh am beatha air a sgriobhadh ’s na h-ardaibh ann an lathair na righ-chathrach. LITIR O’N CHUAIRTEAR. FHIR-DEASACHAIDH,—Chosg America cota-ban bho ’n sgriobh mi ugad roimhe, is cha ’n fhada gus am bi an darna fear oirre. Tha na h-uidhir agam ri innseadh dhut ’s nach ’eil fios agam c’aite ’n toisich mi, agus tha eagal orm gu ’m bi mi coltach ris an fheadhainn a bhios maith air an trod, an uair a thoisicheas mi nach bi cial sgur agam. Thug mi cuairt gu Tir-mor, is chuir mi oidhche thoilichte seachad comhla ri Ebenezer Mac Ille-mhaoil. Ruith sinn air fuathas de shean rudan, gu ruigeas oran a rinneadh do ’n t-seann lair dhuibh, a fhuair e ’n uair a bha e na bhalach. Bha e saoilsinn fuathas dhi ’n uair sin. ’Se duine a b’ fhior thoil leis a gheibheadh cead srian a chur ’san lair. Ann an gainne feola, is ann am meudachd uilt, is ann an fad fionntaich bha i air leth air moran each. Cha robh duine a chunnaic aon uair i nach aithnicheadh a ris i. Co-dhiu, thug e la obrach dhi do Dhomhnull Ruadh, mac piuthar ’athar, is cha bu bheag an comharradh air an speis a bha aige dha nuair thug e dha la de “Pholly.” Ach nuair a thainig e ga h-iarraidh feasgar bha e gle mhi-thoilichte fallas fhaotainn air an lair. Bu duine Domhull Ruadh anns an d’ thainig a bhardachd gle og, is fhad ’sa bha a chomhaoise ’sa charaid a gearan mu’n lair, bha esan ri oran, is ghabh e an t-oran ’s e toirt seachad na laire. B’e so a cheud cheathramh dheth:— “Tha Abbie is e ’n diugh fodh ghruaim, Chionn an lair bhi ’g obair cruaidh, ’S duil aige bhi falbh g’a suap, ’S gu faigh e beothach luath mun stad e.” Tha e fein ag aideachadh gu ’n robh an gnothach gu maith searbh air; agus b’e sid a cheud la ’san la mu dheireadh do Dhomhull Ruadh srian a chur an ceann na laire. Dh’ fhag mi Tir-mor as thill mi gu Ceap Breatunn.— “An t-eilean ro-mhaiseach, Gur pailt ann am biadh; ’Se eilean as ailt Air do dhealraich a ghrian. ’S e eilean mo ghraidh-sa— Bha Ghailig ann riamh— ’S cha treig i gu brath Gus an traigh an cuan siar.” Mar tha fios agad thatar a togail rathrid-iaruinn ann an Siorrachd Inbhirnis, agus tha fuathas a dol ann do mhuinntir na siorrachd; cha mhor nach ’eil uidhir de na gillean ann ’sa tha de na h-igheanan am Boston. Chaidh roinn de luchd-ceairde ann; as tha sinn ag ionndrainn gu seachd araid Bailey, an griasaiche. Cha bhi duine a thachras ort nach aithnich thu air ceann nam brog dhe nach ’eil Bailey aig an tigh. Tha e bochd gum biodh lamhan grinne mar so gar fagail. Ach ged a tha so gu’r call-ne tha e do bhuannachd Judique. Cha bhi guth againn ri radh mur falbh an gobha MacNamara. Cha ’n e h-uile fear a bheir sgian pheann a eighe; ach faodar beagan taing a thoirt dha, tha a dheadh acfhuinean aige. “Gu ma fada beo e us ceo as a cheardaich.” Bha mi bho cheann ghoirid ann an Siorrachd Richmond, agus ma’s fior na bheil air aithris, cha ’n fhad gu ’m bi daoine an sin ag ionndrainn an luchd-ceairde; oir thatar a bruidhinn air rathad a thogail ’san t-siorrachd sin mar an ceudna. Tha iad feumach air ann am Framboise, oir cha ’n ’eil an rathad tha aca an drasd ach fuathasach dona. Bha iad ag innseadh dhomh gun robh an comhairleach Tormad Mac Ascuill a riaghladh gu ceart na bheil a dh’ airgiod anns an sgireachd. Bu choir do ’n riaghladh sealltuinn ri rathaidean a bhiodh cho fad air ais. Chuir mi greis thoilichte seachad comhla ri fior sheann duine ann an Framboise, Gilleasbuig Ban Mac Dhiarmid. Tha e corr is ceithir fichead bliadhna ’dh’ aois. ’S ann ainneamh a thachras fear a bhliadhnachan ri duine cho fior shoilleir ris. Rugadh e tri bliadhna roimh blar Waterloo. Thainig e do ’n duthaich so anns a bhliadhna 1841. Fhuair mi moran do dh’ eachdraidh na h-Alba aige, agus eachdraidh na duthcha so bho ’n thainig e fhein innte. Tha a chuimhne fuathasach maith, agus tha e cho pongail ’s cho deas-bhriathrach ’s gu bheil e fior thaitneach a bhi na chuideachd. Thaghail mi air “Ceann Liath,” ach cha robh e aig an tigh. Tha mi duilich nach fhaca mi e. Bha mi ann am Fourchu, ach cha ’n fhaca mi ni le ceo ann. Anns an aite so tha moran naimhdean aig a ghiomach. Tha da fhactoridh ann a tha ’san t-samhradh a deanamh moran cuideachaidh leis an t-sluagh. Tha daoine air leth coir ann an Gaidheal siorrachd Richmond, agus gheibh thu ’Ghailig ann na ’s fallaine na gheibh thu anns na siorrachdan eile do ’n eilean. Tha moran de nigheanan an taobh an iar an eilean posda aig gillean Framboise is Loch Lomond. Phos te dhiu bho chionn ghoirid ann an Boston, ’s chaidh fhaighneachd do sheana bhoirionnach co am fear a phos i. Fhreagair i nach creideadh i nach e Geancach a mhuinntir an eilean a bh’ ann. Tha h-uile seorsa Geancaich ann an drasd. Tachraidh fuathas orm fhein de Gheancaich Cheap Breatunn leis nach diu a Ghailig a bhruidhinn ged a bheir iad uaireannan droch laimhseachadh do ’n Bheurla. Bheir mi tuilleadh dhut air an t-seachdain s’a tighinn. AN CUAIRTEAR. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 128] [Vol. 8. No. 16. p. 8] SGIALACHD NA TROIDHE. V. Duan. AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOAHAN MAC-LACHAINN. Gniomhran Dhiomeid Mhic Thid. Tha Diomed mac Thid ’g a dhearbhadh fhein mar chuiridh ’s a’ bhlar so. Dh’ impich Minerva, sgiath-dhidinn Dhiomeid, Mars gus an arfhach fhagail. Lotadh Diomed ’s an laimh le saighid a thilg Pandarus air, ach leighis Minerva e, agus chuir i mar gheasan air gun dol tuille an cinnseal nan dia; ach, na ’m b’ e ’s gu ’n teannadh Venus ri meachranachd, dh’ orduich i dha dol gun eagal, gun fhiamh, ’n a cinnseal-se. Le doimheadas nach d’ rinn a shaighdean diobhail air Menelaus no air Diomed, leum Pandarus do charbad Æneais, agus buailear iad le cheile air Diomed. Thuit Pandarus ’s a’ chaonnaig, a’s leonadh Æneais, agus ghlac Diomed na h-eich. Thugadh Æneais a stigh do’n Troidh, agus an teampull Phargamuis leighiseadh an leon. Chaidh Mars an leisgeul nan Greugach. An uair a chunnacas e tighinn chomhairlich Diomed do na daoine an ruaig a ghabhail. Thoisich Minerva air tilgeil na geilte air, ag cur an cuimhne dha, fhad ’s a b’ e an t-Aicheall lamh-fheuma na Greige nach robh a chridhe aig Troidheach urad ’s asgailt a’ bhaile fhagail; mhaoidh i air cuideachd nach bu mhac mar an t-athair e—Tide mor a rinn a leithid de dh-euchd an cogadh Thebeis. Tha Diomed ’g a thoirt fhein an uachdar, ag gabhail mar leisgeul gur h-ann a choimhlionadh a h-orduigh fhein a bha e, gun d’ iarr i air gun eirigh an aghaidh nan dia. An sin ’s ann a mhol Minerva e air son ’uimhailtis, ’s rinn i suidhe ri thaobh ’na charbad; ’s le sathadh fearail de shleagh an laoich leonadh Mars a’s theich e as an arfhaich. An sin thug Pallas euchd a’s buaidh, Do mhor Dhiomed nan ruag blair. ’G a thogail ard thair an t-sluagh, Los a chliu bhi buan gu brath. Bhruchd sruth teintidh bho ’bheairt-chinn, ’S las mu ’thargaid ghrinn nam beum, Dealanaich chlis ’n an dian chaoir, A shoillsich an raon gu leir. Mar rionnaig fhoghair nan speur, Ag eirigh bho’n ghailbhinn fhuair, ’S aillidh air gorm neamh a loinn, ’S i ur-nighte ’n tuinn a’ chuain. B’ amhuil an geal-dhearrsadh cian, ’G iathadh mu ’ghuailnean ’s mu ’cheann, ’N uair bhrosnaich Minerva ’n treun Gu garg bhuilsgein streup nan lann. Bu Troidheach Dares gun ghaoid, Reachdmhor a mhaoin, caoin a bheus; Fear-iobairt Vulcain ’s gach trath, Da mhac leis an spairn nan gleus, Phegeus a’s Idoeus og, Na Fiurain bu chorr ’s an strith. Thug iadsan ruathar romh ’n t-slogh, ’S thairg iad comhrag do’n mhor righ. Mharcaich iad air steudan luath, ’S deagh mhac Thid air cruaidh an fhuinn ’S an iom-chrith gu gaisge blair, Ghluais na h-oig an dail an t-suinn Thilg Phegeus an tus ’n a deann, Sleagh bu chian dhuatharaich crann, Sheachainn i Greugach nan glonn, Thair a ghualainn chli le srann. Thilg an sin mac Thid a chruaidh Nach d’ imich gun bhuaidh a ’dhorn; Buailear mu ’n da chich an treun, ’S leagar bharr a steud gun deo. Leum Idœus ’n a thuil mhaoim A’ charbad bu loinntreach dealbh, Bior-ghointe mu ’bhrathair-gaoil, ’S gun phlosg ann an laoch nan arm. Ach ’s beag nach d’ rinn gniomh gun agh, A reic-san ri dan an eig; Mur b’e feart Vulcain ’g a dhion, Le comhdach ciar nial nan speur, Thoirt misnich d’ an athair graidh. Los nach dearbht’ an cradh cho trom. Ghlac Mac Thid a charaid steud, ’S dh’ ordaich iad gu sreud nan long. Chunnaic Troidhich nan euchd bras, Dosgainn mic an t-sagairt leith; Aon air teicheadh bho’n bhlar shearbh, ’S aon fo charbad marbh air feur. Cho-ghluais a’ measgnadh ’s gach cliabh, Ioghnadh a’s fearg, fiamh a’s truas; Ach ghlac Pallas Mara air laimh, ’S thaisbein i ’s an radh a smuain: Areis shuain-mharbhaich nan creuchd, Nigheas duin nan treun am fuil, C’uim’ nach tairneadh Troidh ’s a’ Ghreig, Le ’n neart fhein an gniomh gu buil? Imreadh iad fhein comhrag chruaidh, ’S gheobhar buaidh bho righ nan speur: Diobrar leinne strith nan laoch, Los nach taosg oirnn fraoch an de. Stiuir i ’n sin a teas a’ bhlair, Ares nam paidhe craiteach trom, Shuidh aig Xanthus nam bruach tlath, ’S dh’ eisd iad ri gaoir-bhais nan sonn. (Ri Leantuinn.) Cumha DO DHUIN’ UASAL A CHAIDH A BHATHADH. ’S daor a cheannaich mi ’n t-iasgach, So ’bhliadhna chuir as domh. ’S daor a cheannaich, &c. Chaill mi snamhaich’ a chaolais Nach glaodhadh an t-aiseag. ’S ann aig stoc beul an athain A bhathadh an gaisgeach. Sud a bheairt nach do shaoil mi Ri m’ shaoghal e ’thachairt, Gu ’n rachadh do bhathadh Gu brath gun chuan farsuing; No gu ’n rachadh do mhilleadh, ’S do ghillean thigh’nn dachaidh. Bu tu sgiobair a bhata, Ged a sharuich muir bhras thu. Tha do bhreacan ur uasal, Air uachdar an aigeil; Is tha ruith nan tonn uaine Mu bhruachaibh do leapa. Tha do chuailein donn, dualach, Na chuachaibh ’s na phreasaibh. Bu shar bhuachaille bho thu, ’N gleann feoir nan crioch farsuing. Gu bheil t’ fhiodhall gun ghleusadh, Is na teudan innt’ lasaicht’. ’S moch a ghoireas an rocas Gach Di-domhnaich mu t’ aitreabh. Tha do phiuthar gun bhrathair, ’S tha do mhathair gun mhacan. Do bhean og tha gun cheile, ’S tha mi-fein deth gun daltan. Do thaigh mor tha gun tuthadh; ’S tha mi dubhach ga fhaicinn. Marbhrann DO SHIR DUGHALL CAIMBAL, FEAR ACHADH-NAM-BREAC. ’S uaigneach an nochd caithir Dhughaill, Chaidh ’dunadh ri ceol ’s ri aighear; Am brath sithe amluidh gorach, Gun seirm, gun choisir, gun tathaich. Gun chlarsaich dhuinn de ’n fhiodh chubhraidh, Gun seanachaidh, gun fhilidh leabhair, Gun fhear-dana ’sa bhruth oirdheirc, Gun mhnai bhinn-cheol, gun leigh cabhair. A Dhughaill oig Mhic Dhonnachaidh chliuitich, ’S i do chuis bu mhor r’a h-iomradh; Basraich bhan fo ghairich leanabh, ’S truagh am bannal ud mu d’ thimchioll. Phos Donnachadh Caimbal, fear Achadh-nam-Breac, Mairi Nic Leoid. Chaochail Sir Dughall, am mac, ’sa bhliadhna 1643. Chaidh Sir Donnachadh, mac Shir Dughaill, a mharbhadh le Alasdair Mac Cholla aig Inbhir-Lochaidh, ’sa bhliadhna 1645. G. Seacaidean Cotaichean Deiseachan Deante DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN. Curraichdean Ceannabharan Deiseachan Miotagan DO ’N CHLOINN. AIG J. C. MILLS, SIDNI, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19. ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m. a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean; Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean; Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - - - C. B [TD 129] [Vol. 8. No. 17. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 3, 1899. No. 17. CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN. Tha sinn uile eolach air a bhi cluinntinn ’sa leughadh cho measail ’sa tha ar Ban-righ air a Ghaidhealtachd, agus cho tric ’sa bhios i ’dol fad aireamh sheachdainean no mhiosan a chomhnuidh ann an tir an fhraoich. Chuir i a cheud chuairt air Alba anns a bhliadhna 1842, beagan us coig bliadhna ’n deigh dhi tigh’nn dh’ ionnsuidh a chruin. Tha an cunntas a leanas air a cheud thurus sin air a thoirt a “Cuairtear nan Gleann,” October, 1842; agus cha ’n eil teagamh nach d’ thainig e o pheann an fhir-sgriobhaidh dheis sin, an t-Urr. Tormad Mac Leoid, D. D., fear-deasachaidh a “Chuairteir.” Dh’ fhag a Ban-righ, ’s a ceile flathail Prionns’ Albert, luchairtean rioghail Windsoir air maduinn Di-luain, an 29th latha de ’n mhios a chaidh seachad, air an turus do dh’ Albainn nam beann, tir a sinnsearachd arda. Cha robh cridhe an Albainn nach robh a’ plosgadh gu failte dhileas, thairis, shunndach, a toirt dhi, freagarrach d’a h-inbhe ard, ’s d’an durachd dhealasach d’a thaobh. Ged dh’ fhag i dun na moralachd air cuig uairean ’sa mhaduinn, bha muinntir Lunnainn air an cois, chum a failteachadh ’san dol seachad. Rainig i ’n lamraig o’n robh i ri dol air bord am measg sluaigh nach robh e comasach aireamh. Mar chaidh iad stigh do’n bhata bha r’a giulan gu taobh na luinge anns an robh i r’a turus a ghabhail, loisgeadh failte rioghail o gach ball, ’s o gach dun, ’s o gach long-chogaidh a bha ’san t-sealladh. Bha deich mile beul fosgailte, a’ togail iolaich, agus a’ guidhe gum pilleadh a’ Bhan-righ og air a h-ais gu tearuinnte d’an ionnsuidh. Bu shuilbhir aoibhneach an sealladh so—sluagh na rioghachd is cumhachdaich air aghaidh an t-saoghail mhoir so, dealasach airiseach do thaobh na Ban-uachdarain a chuir Dia, ’na fhreasdal, thairis orra! Bha miltean do luingeas ’san abhuinn air a’ bheil malairt an t-saoghail. Bha brataichean air barr gach crainn, na seoladairean a mach air a slatan ’s gach neach ’na dheise b’fhearr; ’s a h-uile gunna-mor air muir ’s air tir a’ cuir as, ’s a’ stri co dheanadh an fhuaim a b’ airde, agus a thairgeadh an urram bu mho do Bhan-righ aillidh Bhreatuinn a’ dol air saile. ’Nuair rainig i cliathach na luinge rioghail a bha r’a giulan, thogadh an suas i; ’s mar rainig i clar-uachdrach an t-soithich, thogadh iolach chaithreamach o thir ’s o chuan. Chuir a nis a’ chabhlach fo sgaoil; ’s thug seann Tur aosmhor Lunnainn, le aona ghunna-mor thar fichead a loisg dararach rioghail, sanas gu robh Victoria og agus Albert air falbh. ’Sann air an luing ris an canar an Deorsa Rioghail a bha Ban-righ agus maithean a cuirte. ’Se ard sgiobair na luinge Adolphus Fitzclarence, mac bhrathair a h-athar fein. Bha sea soithichean-smuide ’sa chuideachd, chum an long rioghail a dhraghadh, nam biodh sin feumail. Bha mhaduinn salach, fliuch—sruth a’s soirbheas nan aghaidh; oir ged is cumhachdach Ban-righ Bhreatuinn, cha’n eil e na comas srian a chur ris an siantan. Chaidh iad air an aghaidh gu siubhlach ’s ged bha ’n latha fuar mi thaitneach cha d’ fhag Victoria clar-uachdarach na luinge. Chite i ’n sud, a’s Albert r’a taobh, le fiamh gaire ag aideachadh gach iolach shunndach agus failte chuireadh oirre leis gach soitheach agus long. Tha moran bhailtean air bruach na h-abhuinn Thames, agus air leitir iosal Shasuinn—as na bhruchd gach beag ’us mor, ard ’us iosal, gu traigh, a’s cuid ann am bataichean, a chur failte air a Bhan-righ oig. Cha robh barr craoibhe, mulach tigh, no cnoc, no crann luinge, air nach robh bratach dhearg Breatuinn—bratach nan iomadh buaidh—r’a faicinn a’ snamh ’san t-soirbheas. Mu mheadhon-latha, bhris a’ ghrian a mach le aiteal glormhor—theich na neula dubha dorcha. Bha iad a nis fa chomhair Sheerness, far an robh luingeas-cogaidh air acair—cuid dhiubh air na chuir Nelson agus laoich eile am blar nach di-chuimhnichear. Chuir iad so failte fhuranach air Victoria—dararach ard-thorunn nan speur! Lean moran shoithichean-smuide, lan do chuideachd, an long rioghail; a dhealaich rithe mu aird an fheasgair, a’ guidhe slainte agus sonas leatha, agus le mile ard dhurachd gum pilleadh i an tearuinteachd. Bha cheud oidhche fior stoirmeil—an fhairge trom, ’s a’ ghaoth colg-dhireach ’na h-aghaidh; ach smuid iad rompa gu foghainteach, a’ cur sruth us fhairge gu dulain. Mu sheachd uairean air maduinn Di-ciaduin, fhuair a Bhan-righ a cheud sealladh do dh’ Albainn—maol Alba, dluth do Dhunbar. Chaidh da long-smuide a Lite ’na comhail, lan cuideachd. Choinnich iad an Deorsa Rioghail, ’s chaidh iad seachad oirre, a’ togail caithream ard. Tharruing iad a nis suas as a deigh. Dh’eirich a’ Bhan-righ a chur failt’ orra, i fein agus Albert; ’s ma dh’ eirich, mar do dh’ aidich mnathan-uaisle agus daoin’-uaisle na h-Alba an onoir, bu neonach e. Cha’n fhoghnadh iolach; cha b’ urrainn iad fuireach o dhannsa! Mu mheadhon oidhche Di-ciaduin, thainig an cabhlach rioghail gu acair ann an camus Aberlady, dluth do Lite, ’fuireach gu maduinn gus an rachadh a’ chuideachd gu tir. Bha fiughair ris a’ Bhan-righ an Duneidin air Di-ciaduin, an latha thainig sluagh na duthcha stigh ’ga faicinn agus ’ga failteachadh. ’Sann an sin a bha ’n othail ’s an upraid!—a h-uile h-aon a’ stri ri aite fhaotuinn am faigheadh e ’n sealladh a b’fhearr dhi. Cha robh tigh-osda s’a bhaile nach robh lan. Thainig moran thairis a Eirinn, a’s moran a Sasunn. Bha ’n t-slighe iaruinn eadar Glaschu ’s Duneidin a’ giulan na miltean a stigh o mhochradh gu anmoch. Chaidh cuig mile stigh Di-ciaduin, agus naoi mile Dior-daoin. Faodar a bhreathnachadh gu ’n deach sluagh mor a stigh, ’nuair bheirear fainear gu’n do tharruing an t-slighe iaruinn corr agus seachd mile punnd Sassunnach ’san t-seachduin! Cha robh rathad mor a’ dol do Duneidin, no soitheach-smuide, nach robh lan. Chite carbadan ’us cairtean a’ taomadh a stigh nam miltean—sruth mor o ’n airde ’n ear ’s o’n airde ’n iar, deas ’us tuath; air chor ’s nach robh e comasach gluasad a larach nam bonn, ach seasamh mar gheinn! Bu shealladh iongantach agus moralach gu dearbh e! Bha ’n latha grianach, tioram, ait. Bha aiteachan-suidhe, nan sriathan mar lobhtaichean, ag eiridh os-cionn a cheile air gach taobh de na sraidean far ris an robh duil aig daoine an sealladh fhaicinn; agus fhuair iadsan a thog na h-aiteachan so tri ’s ceithir sgillean Sasunnach airson aon aite-suidhe. Bha tri punnd Shasunnach am bitheantas air iarraidh airson sealladh o aon uinneig! Cha robh aite air an rathad ris an robh duil ris a’ Bhan-righ nach robh lom-lan do dhaoine; eadhon air mullach nan tighean, chite daoin’-uaisl’ agus ban-tighearnan nan suidhe. Airson charbadan, bha iad cho lionmhor ’s nach b’ urrainnear an cunntas—faodar da rireadh a radh gu robh carbadan na h-Alba uile ’n Duneidin! Bha e air orduchadh, cho luath ’sa chite na luingeas a’ tighinn ’san t-sealladh, gum biodh gunna-mor air a’ losgadh o’n Chaisteal, agus gu’n rachadh bratach dhearg a thogail air mullach cnoic aird dluth do’n bhaile. ’Sann a so bha’n fhiughair ri fuaim a’ ghunna-mhoir, ’s am fadal airson na brataich dheirge! Ach ma dheiredh thainig fios nach robh e comasach gu’n ruigeadh a’ Bhan-righ air an latha sin. Thoisich a chuideachd ri sgaoileadh, ’s cha b’ ann de’n toil. Bha ceud mile sluaigh an Duneidin air an latha sin a aiteachan eile. Mu shea uairean ’san fheasgar bha samhchair s’a bhaile, leis gach neach pilleadh gu aite fein. ’Nuair thuit an oidhche lasadh teintean mora air mullach nam beann ’s nan cnoc mu thimchioll Dhuneidin. Bha aon tein’ eibhinn air Suidhe Artair, a bha da fhichead troidh air fad, fichead troidh air leud, agus deich troidhean air airde. A thuilleadh air baraillean tearra, ’s a leithidean sin, bha da fhichead tuna guail air. B’e sin an gealbhan ’nuair chuireadh foid ris! Bha ceudan teine de’n t-aon seorsa r’am faicinn o mhullach bheanntan eile. Air maduinn Dior-daoin, air leth-uair an deigh seachd, chualas an gunna-mor o mullach a’ Chaisteil a’ toirt sanais gu robh an cabhlach rioghail a’ deanamh air a’ cheadha. Air ball bha bratach dhearg air a togail, agus am priobadh na sul bhruchd an sluagh a mach; ’s cha chluinnte guth no facal ach, “Thainig i! thainig i!” ’Sann a sin a bha chabhag—a h-uile ceann a mach air uinneig, ’s na sraidean lan gleadhraich ’us aighir—saighdearan a’ cruinneachadh—carbadan nan siubhal—trombaidean gan seideadh—’s a h-uile fear a’ greasad a mach! Mhaoim gach tigh a mach gach mac-mathair—bha gach sraid lan. Ruith cuid chum a chnoic a b’airde, cuid gu traigh, a’s cuid gu cladach. Bha mhaduinn caileigin dorcha, ceothar, fliuch, ’s bha duil aig moran nach tigeadh a Bhan-righ air tir gu meadhon-latha; ach cha’n ann de’n t-seorsa sin i air an cuir faoineis grabadh. Rainig an long am port leth-uair an deigh a h-ochd. Bha Sir Raibeart Peel, Diuc Buccleugh, agus Sir Deorsa Murray, [TD 130] [Vol. 8. No. 17. p. 2] a’ feitheamh oirre o thri ’sa mhaduinn; ’s cho luath ’s a rainig an long a laimhrig (a thogadh le Buccleugh, ’s a chosd cheud mile punnd Sasunnach), chaidh iad air bord. Air naoi uairean chuir i cas air tir ann an Albainn. Tharruing maithean na cuirte suas nan sreath air gach taobh, agus choisich i suas eatorra gus an d’ rainig i ’n carbad rioghail. Loisg na luingeas a nis failte rioghail (gunna-mor thar fichead), ’s thog na maithean agus na miltean a bha lathair iolach a reub na neoil. Fhreagair seann chaisteal ard Dhuneidin, ’s gach creag, ’us cnoc, ’us tullaich mar iomad mile do’n aite; ’s cha robh an sluagh a bheag air dheireadh. Bha ’n t-slighe eadar ceadha Ghranton agus Duneidin, air gach laimh, lan dhaoine, o leac a’ chabhsair gu barr a’ bhalla, dosan nan craobh, agus mullach na tighean maraon. Thoisich cluig a’ bhaile ri teas-chaithream, ’s da rireadh b’ aobhar ghairdicheis a thoirt fainear gach doigh a ghabh an sluagh mor air an dilseachd a thaisbeanadh. Bha e air a shocrachadh gu robh iuchraichean a’ bhaile ri bhi air an liubhairt do’n Bhan-righ le Prothaist Dhuneidin, agus na Baileanaibh, air dhi aite araidh a ruigheachd; agus bha mor dhomhladas sluaigh ’san aite so, chum an sealladh fhaicinn. Ach ’nuair rainig a bhuidheann rioghail an t-aite, cha robh Prothaist no Baillidh ’lathair. Bha duil aig na daoine mor so nach biodh cabhag air a Bhan-righ. Smaoinich iad nach robh fath deifir—gu robh uine gu leoir. Tha na seoid co cleachdta ri daoine ’chumail a’ feitheamh air am morachd fein, ’s gu ’n robh iad am beachd gum fanadh a’ Bhan-righ mar an ceudna! Bha iad a’ butanachadh orra an deiseachan ura—a’ spaisdearachd ma choinneamh an sgathanan, le’n adaichean cocte—co ach iadsan!—uachdarain a’ bhaile-mhoir, gach fear mar choileach Frangach a’ sgaoileadh a mach a chuid itean ris a’ ghrein, ’s a’ spliugail an dara fear ris an fhear eile. Am feadh bha iadsan mar so a’ tarruing suas am briogaisean ura, ’s a cur bucail ’nam brogan, ’s “Claidheamh orra gliogarsaich, Os-cionn bann nan briogaise,” chualas iolach ard buadhmhor an t-sluaigh. Bha ’Bhan-righ seachd! ’Sann an so a bha ’n upraid ’s a’ chabhag—am Prothaist ’s na Baillidhean a’ seiteil, ’s a’ plosgail, ’s a ruith; ach bha iad mo ’s anmoch. Bha ’m Prothaist beag breamasach, agus na Baillidhean leasg lunndach, air am maslachadh. Ciod an tubaist a thainig orra? ’S doirbh ri radh. Gabhadh iad an leisgeul fein mar thogras iad, cha ghabh Albainn an leisgeul! Bha daoine b’ airde ’s bu mheasaile, ’s a b’ onoraiche na iadsan, a’ feitheamh air a’ Bhan-righ uine mhor mu’n d’ thainig i gu tir; ’s ged bhiodh iadsan le ’n iuchraichean a’ feitheamh rithe uair no dha, bu shuarach ri aithris e. Fhad ’s a bhios cuimhne air cuairt na Bhan-righ do dh’ Albainn, cha di-chuimhnichear giulan maraon Prothaist agus Baillidhean Dhuneidin! Agus, ma tha gach ni chuala sinn fior, fhuair iad sin innse doibh gu math, ’s gu ro mhath. Ach be ’n fhearas-chuideachd ’s a’ chulaidh-ghaire fhaicinn mar thar am Prothaist beag, ’s na Baillidhean mhora, cheaganta, reamhar, asda air falbh ’nan carbadan, le’n guntaichean dearga sioda, nan sradan dearg an deigh na Ban-righ. Ghabh iad a h-uile ath agus bealach goirid a b’ urrainn dhoibh. Chluinnte fead na cuip mu chluasan nan each. Ach b’e so an fhaoineis. Chaidh am agus aite liubhairt nan iuchraichean seachad ’s cha d’ fhuair iad ach magadh, ’us sgeig, ’us fochaid an t-sluagh, airson an saothaireach! An lorg giulan nan uaislean so—na seoid mhora so, nach robh ’nan earalas, ’s nach d’ thug sanas ceart, no fios pongail seachad—chaill moran an sealladh a chaidh iad iomadh mile a dh’fhaicinn. Cha b’urrainn muinntir Dhuneidin a bhreathnachadh gu robh a’ Bhan-righ cho dluth, ’nuair nach do bheum clag, ’s nach do sheid trombaid, air chor ’s gu’n d’ thainig i orra gun fhios; agus bha anbhar ann nach fac i idir, a thainig air chosd mor, agus air astar fada, a dh’fhaotuinn sealladh dhi. Bha luchd nam boghachan-saigheid a’ cuartachadh a’ charbaid anns an robh a’ Bhan-righ agus Albert; agus an taobh a mach dhiubhsan, buidheann laidir dhreachmhor do mharc-shluagh, ’nan eideadh loinnreach dearg. Aig ceann na drochaid mu thuath, choinnich an Comunn Gaidhealach i, ’nan lan eideadh—an deis fhuasgailteach “nach ceangail an ceum;” ’s gu dearbh bu ghreadhnach an sealladh e! Bha na Gaidheil ghasda fo chommand an fhiurain oig, Morfhear Lathurn, oighre Mhic Cailean Mhoir. Bha’m flath og so, mar chach, “le ’bhiodaig, le ’bhoineid, ’s le bhreacan an eileadh,” ’s le ’ite ’n fhirean, mar bu du do’n bhoineid ghuirm. Buaidh a’s piseach leis, ’s gu ma fada beo e air ceann dhaoine? Chuir na Gaidheil failte chridheil air a’ charaid rioghail do reir cleachdadh an duthcha. Ghabh a’ mhor chuideachd a nis air an aghaidh gu luchairt Dhiuc Buccleugh ann an Dailche, seachd mile deas air Duneidin; ’s air a h-uile ceum de’n t-slighe, bha na miltean carbad, ’us cairt, ’us marcaiche, ga failteachadh. Rainig i ’n luchairt eireachdail—luchairt duine cho fialaidh, teo-chridheach, flathail, ’s a tha eadar da cheann na rioghachd—beagan roimh mheadhon-latha Diar-daoin; agus tha e air a radh gu robh os-cionn deich mile pearsa a fhuair cead o’n Diuc ’bhi ’sa phairc mhoir—faiche na moralachd ’s an eireachdais—a dh’ fhaotuinn sealladh air Victoria, ’s air Prionns’ Albert, a ceile pearsanta. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XVII. An latha roimhe sid fhuair an garadair fios gu’n robh long gu seoladh as an acarsaid ann am beagan laithean, a bha gus a dhol gu ruige Eilean Ebene; ach cha robh a’ cheart latha air an robh i gu seoladh air ainmeachadh. Thubhairteadh ris gu’m faigheadh e fios cinnteach air an latha bha i gu seoladh, nan rachadh e a dh’ fheorach mu’n chuis an la-iar-na-mhaireach; agus b’ ann an uair a bha Alsaman a’ spionadh na craoibhe anns a’ gharadh a chaidh an garadair a dh’ iarraidh fios air an latha air an robh i gu seoladh. Cha robh e fad air falbh an uair a thill e air ais agus aoidh air a ghnuis. Dh’ aithnich Alsaman air a cheud shealladh a thug e air, gu’n robh naigheachd mhath aige. “A mhic,” ars’ an seann duine ri Alsaman (oir b’ ann mar so bu ghnath leis failte chur air,) “dean gairdeachas, agus bi deas gu falbh air an luing ann an ceann tri latha. Rinn mise cordadh ris an sgiobair gus do thoirt air falbh gu ruige Eilean Ebene.” “Anns an t-suidheachadh ’s am bheil mi an diugh, cha b’ urrainn sibh naigheachd bu taitniche thoirt do m’ ionnsuidh. Tha naigheachd thaitneach agamsa dhuibhse mar an ceudna. Thigibh comhladh riumsa, agus chi sibh an t-ionmhas mor a chuir am Freasdal ’n ’ur rathad.” Thug Alsaman leis an garadair do ’n aite as an do spion e a’ chraobh, agus thug e air a dhol sios comhladh ris do ’n taigh fo thalamh. Agus an uair a leig e ris dha an t-ionmhas luachmhor a fhuair e ann, thug e taing do ’n Fhreasdal, a chionn gu’n do bhuilicheadh an saoibhreas mor ud air a gharadair air son a dheadh bheusan, agus na saoithreach a chosg e ris a’ gharadh fad moran bhliadhnachan. “Ciod a tha thu ’ciallachadh?” ars’ an garadair. “Am bheil thu ’smaoineachadh gu’n gabh mise seilbh air an t-saoibhreas so mar ni air am bheil coir agam? Is ann leatsa tha ’n saoibhreas so. Cha’n ’eil coir sam bith agamsa air. Tha ceithir fichead bliadhna o’n a dh’eug m’ athair, agus ged a bha mise riamh o ’n uair ud a’ ruamhar anns a’ gharadh so, cha do thachair an t-ionmhas rium. Ach thachair e riutsa, agus tha sin ’na dhearbhadh soilleir gu leor gur ann dhutsa a chuir Dia air leith e, agus nach b’ ann dhomhsa. Tha ’n saoibhreas mor so fada na’s freagarraiche air son prionnsa mar a tha thusa na tha e air seann duine bochd mar a tha mise. Tha mo leith chas-sa mar tha anns an uaigh, agus cha ’n ’eil eis ni sam bith orm. Bhuilich am Freasdal an t-ionmhas so ortsa, direach an uair a tha thu ’dol a thilleadh do d’ dhuthaich, far an teid agad air feum a dheanamh dheth.” Bha Alsaman a’ cur roimhe gu’m biodh e cheart cho fialaidh ris a’ gharadair ’sa bha ’n garadair air son a bhi ris fhein; agus air an aobhar sin thug iad greis mhath air connsachadh mu’n chuis. Mu dheireadh thuirt Alsaman nach biodh cuid no gnothach aige air chor sam bith ris an or, mur gabhadh an garadair an darna leith dheth. Gus Alsaman a thoileachadh, dh’ aontaich an garadair mu dheireadh gu’n gabhadh e an darna leith dhe ’n or; mar sin, roinn iad air a cheile e, agus bha coig thar fhichead am fear aca dhe na crogain anns an robh an t-or. An sin labhair an garadair ris a’ phrionnsa, agus thuirt e, “A mhic, ged a fhuair thu an t-ionmhas so, tha tuilleadh agad ri dheanamh fhathast. Feumaidh sinn doigh fhaotainn air a chur air bord ’san luing dhut gun fhios do neach sam bith; ar neo ma gheibhear fios gu’m bheil e agad, is docha gu’n toirear uat e gun taing dhut. Cha ’n ’eil dearcan-olla ’fas ann an Eilean Ebene idir. Is ann as an rioghachd so a tha iad ’gam faotainn, agus tha iad gle riaraichte leotha. Tha fhios agad gu’m bheil am pailteas agamsa dhe na dearcan so. Thoir leat na thogras tu dhiubh. Lion leith cheud crogan, leitheach mar leitheach, eadar or is dearcan-olla. Cuir an t-or ann an grunnd nan crogan, agus na dearcan-olla ’nan beoil. Gheibh mi fhein doigh air an cur air bord an uair a bhios tu falbh.” Ghabh Alsaman a’ chomhairle mhath a thug an garadair air, agus chaith e na bha roimhe dhe ’n latha ’cur an oir agus nan dearcan-olla anns na crogain. Agus air eagal gu’n cailleadh e a’ chlach-bhuadhach a rithist, chuir e gu curamach ann an fear dhe na crogain i; agus chuir e comharradh sonraichte air a’ chrogan, a chum gu’n aithnicheadh e rithist e seach cach. An uair a thainig am feasgar anamoch, bha na crogain glan, deiseil aig Alsaman gus an cur air bord ’s an luing. Thug e leis an garadair a leith taobh, agus dh’innis e dha mu’n chath a bha eadar na h-eoin, agus an doigh air an d’ fhuair e greim air a’ chloich-bhuadhaich. Bha aoibhneas agus iongantas air a’ gharadair an uair a chual’ e mar a thachair. Ge b’ e air bith ciod a b’ aobhar dha, dh’ fhas an garadair anabarrach tinn air feadh na h-oidhche. Bha e moran na bu tinne air an ath latha. Agus an ceann an treas latha—an latha air an robh Alsaman gus a dhol air bord ’s an luing, bha ’n garadair cho tinn ’s nach robh ’choltas air gu ’m biodh e dad a dh’ uine beo. An uair a shoilleirich an latha chaidh sgiobair na luinge agus aireamh dhe na maraichean gu taigh a’ gharadair. Bhuail iad aig an dorus, agus [TD 131] [Vol. 8. No. 17. p. 3] dh’ fhosgail Alsaman dhaibh e. Dh’ fheoraich an sgiobair c’ait an robh am fear-turuis a bha gu falbh comhladh riutha air an luing. “Is mise an duine,” ars’ Alsaman. “Tha ’n garadair a rinn cordadh ruibh mu dheidhinn mo thuruis, cho tinn ’s nach urrainn da aon fhacal a radh. Thigibh a steach, agus thugadh na seoladairean leotha na crogain anns am bheil na dearcan-olla agamsa do ’n luing; agus an uair a ghabhas mise mo chead dhe ’n gharadair, leanaidh mi sibh.” Thog na seoladairean leotha na crogain, agus am beagan imrig eile a bhuineadh do dh’ Alsaman, agus dh’ fhalbh iad. Dh’earb is dh’ aithn an sgiobair ri Alsaman cabhag mhath a dheanamh, o’n a bha ghaoth cho fabharach, agus thuirt e ris nach biodh iad a’ feitheamh ris mur biodh e aig a’ chladach ann an am. An uair a dh’ fhalbh an sgiobair agus na seoladairean, chaidh Alsaman far an robh an garadair gus a chead a ghabhail dheth, agus gus mile taing a thoirt dha air son cho caoimhneil ’s a bha e ris. Ach bha ’n garadair anns na mionaidean deireannach, agus is gann gu’n deachaidh aige air an urnuigh dheireannach a chur suas mu’n do thilg e an anail. O ’n a dh’ fheumadh Alsaman a dhol gu bord ann an uine ghoirid, rinn e an dleasdanas deireannach do ’n gharadair cho cabhagach ’s a b’ urrainn da. Nigh is ghlan is chomhdaich e an corp, agus thiodhlaic e anns a’ gharadh e; oir cha robh aite tiodhlaic aig na Mahomedanaich anns a’ bhaile idir; agus o nach robh neach ann a bheireadh an cuideachadh bu lugha dha, bha am feasgar faisge air laimh mu ’n do chuir e an corp fo’n talamh. Cho luath ’s a fhuair e gach ni deas, ghreas e thun a’ chladaich, agus iuchair a’ gharaidh aige ’na laimh gus a thoirt do’n uachdaran, nan tachradh e ris; ar neo a fagail aig duine earbsach a bheireadh dha i. Ach an uair a rainig e an acarsaid, dh’ innseadh dha gu’n do sheol an long greis mhath roimhe sid, agus gu’n robh i air a dhol gu buileach as an t-sealladh. Dh’ fheith an sgiobair ris fad thri uairean an uaireadair ach o ’n a bha ’n soirbheas cho fabharrach, cha bu dana leis fuireach na b’ fhaide. Tha e furasda thuigsinn gu’n robh Alsaman fo mhor dhoiligheas a chionn gu’m b’ fheudar dha fuireach cho fad anns an duthaich, agus gun toil sam bith aige eolas no furain a chur air a h-aon dhe ’n t-sluaigh a bha ’gabhail comhnuidh innte. Thuig e gu’m feumaidh e feuchainn ri cur suas leis an aite anns an robh e gu ceann bliadhna eile. Ach ged a bha so a’ cur dragh gu leor air, bu shuarach e an coimeas ris an dragh a bh’ air a chionn gu’n do chuir e a’ chlach-bhuadhach anns a’ chrogan ’s an robh an t-or. Bha e ’ga dheanamh fhein cinnteach nach fhaiceadh e sealladh dhith gu brath tuilleadh. Cha robh e ’faicinn gu’n robh dad a b’ fhearr dha na dhol air ais, agus an garadh a ghabhail air mhal o ’n uachdaran, agus a bhith ’g a oibreachadh, a chum e fhein a chumail o bhas fhaotainn le bron agus le bristeadh cridhe. Dh’ fhastaidh e balach beag gus a bhith frithealadh dha, a chum nach cailleadh e an leith eile dhe ’n ionmhas. Bha fhios aige gur ann dha fhein a bhuineadh e, o nach robh dileabach sam bith an deigh an t-seana gharadair. Cho luath ’s a fhuair e an cothrom, chuir e an t-or ann an leith cheud crogan eile, agus an uair a lion e suas iad cho lan ’s a ghabhadh iad le dearcan-olla, chuir e air doigh iad gus an toirt leis an uair a sheoladh an ath long gu ruige Eilean Ebene. (Ri leantuinn.) SGEUL EIRIONNACH. Thainig cunntas eagalach a nuas d’ ar n-ionnsuidh mu ’phlaigh uamhasaich a thug sgrios co mor air Eirinn o chionn ceithir cheud gu leth bliadhna. Tha iomad sgeul mhuladach ri fhaotuinn mu thimchioll an sgrios agus am fasachadh a rinn an galar so a thoirt air cearna mhoir de’n duthaich. Bha ’n galar so co gabhailteach, sgaoilteach, ’s gu’m b’ abhaist leo, ’nuair a bhuaileadh e neach air bith, an t-aon sin, ged a b’e am mac no’n nighean bu ghradhaiche ’san teaghlach, a chur a mach as an tigh—an cur ann am bothan leo fein, a’s soitheach lan uisge dluth dhoibh, maille ri builionn arain, ’s air am fagail an sin gu basachadh; agus an deigh basachadh, ’s gann a dhuraichdeadh na cairdean bu dluithe misneach a ghabhail an cuirp a chuir fo’n uir. Bu deisinneach eagalach a leithid so; ach, mar a thubhairt Iob, “gach ni a ta aig duine, bheir e airson ’anama.” Bha ’san am sin teaghlach ard measail ’an Eirin ris an abradh iad Mac-Cellie mor—teaghlach co cumhachdach ’s a bha ’an ceann mu dheas na h-Eirinn. Bha iad a chomhnuidh ann an Caisteal Dubh na h-Innse. Bha esan a bha aig an am air ceann an teaghlaich na dhuine borb, colgarra, fiadhaich—anabharrach uaibhreach, danarra, diorasach—gun suim, gun truas, gun iochd, do bhochd no nochd; ach na chulaidh-eagail do gach aon. Bha teaghlach mor aige; ach bha a h-aon diubh, d’am b’ainm Ulic, do’n d’ thug e baigh a’s speis os cionn chaich. Bha anabarr graidh aig Mac-Cellie a’ Chaisteil Duibh air Ulic. Bha e na fhleasgach dreachmhor ri amharc air. Cha robh eadar da mhaoil na h-Eirinn uasal og bu dreachmhoire cruth a’s deilbh. Thug e gradh do dh’ iomad oighe a’s gruagach uasal riomhach, ach b’ ann ’chum am mealladh. Cha robh boid no gealladh gu ’bhi dileas seasmhach doibh nach tugadh e, ’s cha robh gealladh no boid nach bristeadh e. B’ ann de na maighdeanan og a mheall e mar so, ’s a threig e, Una a’ Ghlinn Uaine. Bha ’n ailleag so a’ tamh maille r’a brathair, triath Bhaile-cholm. Thug giulan Ulic, a’s mar a thachair do dh’ Una aillidh, mor naire air an teaghlach; ’s bha fearg eagalach air a brathair. Bha fadal orra aicheamhail a bhi aca airson mar a rinn e am mealladh le foill. Chuir iad rompa dioghaltas a ghabhail a’ cheud chothrom, a ’s dh’ fheuch iad cothrom fhaotuinn; ach bha esan furachail, ’s ’ga ’n seachnadh. Ach thachair gu’n do thoilich freasdal an Ti is airde Ulic a bhualadh leis a’ phlaigh. Thog ’athair colgarra a ghuth, a’s ghuil e gu goirt. Chluinnt’ a chaoidh, ’s a ghearan, ’s a ghlaodhaich ’sa chaisteal, mar neach air a bhreith-as; agus ’sann air a bhreith-as da rireadh a bha e. “A mhic, a mhic!” ars’ esan, “a chuisle mo chridhe, annsachd m’ anama, neart mo thighe, mo chul-taic, mo dhochas, uaill mo chridhe! Ciod so, Ulic, a ghaoil ’s a ghraidh, a’ [?]chair? Oigfhir a’ chul-dualaich, a fhleasgaich nan duala donn! aig an robh guth mar cheol an uisge bhorbhanaich bhinn—do cheum mar cheum an fheidh chabraich ’sa bheinn! Cha chuirear thusa ’mach a caisteal t’athar—cha chuirear mo mhac gu basachadh ann am bothan na beinne leis fein. Cha dealaich mi riut, Ulic!” Ach dh’ eirich an teaghlach uile ’suas an aghaidh an athar. “An e,” ars’ iadsan, “gu’n tugadh tu plaigh oirnn uile airson Ulic? An leig thu leinn uile basachadh, seach esan a chur a mach?” Labhair iad uile ’s mu dheireadh, ged bu chruaidh a’ chuis, cho-aontaich an seann duine. Thogadh air falbh Ulic. Ghiulanadh a mach e gu taobh cnoic, ’an sealladh a’ chaisteil; agus thogadh bothan de dh’ fhiodh nan craobh, air a chomhdachadh le luachair, anns an do chuir iad e na shineadh air leabaidh ranaich. Chuireadh soitheach lan uisge, agus builionn arain, ri taobh a leabaidh, a’s dh’ fhagadh e an sin gu basachadh—leis fein, gun charaid, gun bhana-charaid—gun athair, gun mhathair—gun lighiche, gun mhuime. Tha Ulic og an sin, air a threigsinn—fad o cheol, a’s ol, a’s sugradh, air an robh e co gaolach. Fad o fhuaim na seilg, a’s iomairt arm, tha e an so air a threigsinn, gu basachadh fo’n tinneas uamhasach, gun aon cuimhne, gun aon smuaine, ’chum fuasgladh a thoirt d’a anam iomaganach! An uair a threig Ulic an oigh aillidh og, Una chaomh, cha chualas a gearan. Aon ghuidhe an aghaidh an fhir a mhill i, cha d’ thainig a mach as a beul. Bha i air a h-irisleachadh gu duslach na talmhainn—a cridhe og air a sgaineadh, ’s a cairdean gu leir ag amharc a sios oirre le tair. Ach fhuair i am air aithreachas—threig i an saoghal, agus ann an uaigneas dh’ iarr i o Dhia na dhiult an saoghal a thoirt d’i. Ged a chuir a h-athair talmhaidh a chul rithe, cha do chuir Esan a chruithich i. Ged a rinn a brathairean saoghalta tair oirre, dh’ fhiosraich i cairdeas a’s iochd Uaithe-san a sheasas ni ’s dluithe na aon bhrathair. Thug i o iochdar a cridhe lan mhaitheanas do dh’ Ulic cealgach, agus gu tric ghuidh i gu’n tugadh Dia maitheanas da. Cha do chuir a’ phlaigh eagal oirre—cha do sheachainn i aon ait’ anns an robh i, no aon neach a bha basachadh leatha. Chaidh i mach a latha ’s a dh’ oidhche, a’ frithealadh dhoibhsan a bha ’fulang. Fo theas a’s fo fhuachd, fo thuradh ’s fo dhile, cha deach stad air Una, ach a’ rannsachadh a mach nam feadhnach a bha air an treigsinn le’n cairdean, ’s a’ freasdal doibh. Chiteadh i, le soitheach uisge a’s builionn arain, a siubhal o aite gu h-aite, mar aingeal throcaireach, ag iarraidh faochadh a’s fuasgladh a thoirt do gach aon air an robh dith. Thug so air a cairdean a seachnadh. Dhruideadh dorus tighe a h-athar oirre; ’s cha tigeadh neach eadar i a’s gaoth nan speur, air eagal an galar gabhailteach a ghlacadh uaipe, mu’n robh i fein co suarach. Chual’ i mar a thachair do dh’ Ulic, esan a mheall ’s a threig i, ’s a thug naire a’s bristeadh-cridhe dh’i. Chual’ i gu ’n robh e ’basachadh ann am bothan anns nach cuireadh e fein, o chionn ghoirid, a chon-seilg. Ghrad dhi-chuimhnich i gach olc a’s eucoir a rinn e oirre. Ghlac caomhalachd, a’s trocair, a’s iochd, lan chumhachd thairis air a h-anam. Bha tobar graidh ’na cridhe: ged a bha e air a dhruideadh, gidheadh nach do thraoigh. Ghreas i dh’ ionnsuidh an aite ’n robh an t-uasal truagh a’ basachadh ’na bhothan aonarach, gun charaid, gun dochas. “Ruigidh mi,” ars’ ise, “an t-aite. Bithidh mi dluth dha. Taisichidh mi a bheul, mar dean mi barrachd. Bheir mi dha de dh’ uisg’ an fhuarain. Guidhidh mi air a shon. Agus co aig a bheil fios, ma thainig an uine shonraichte—ma thainig am a bhais—co aig a’ bheil fios nach dean mo spiorad-sa imeachd maille ris an spiorad aigse? ’s ged nach robh sinn air ar n-aonachadh le cheile ’nar beatha, theagamh gum faod so tachairt an am bais” Air an la-maireach, thog i oirre thairis air a’ mhonadh fharsuing a bh’ eadar tigh a brathar a’s Caisteal Dubh na h-Innse. Thainig i am fradharc a’ bhothain ’san robh Ulic. Chaidh i ’stigh; ach ciod a thubhairt ise, no ’fhreagair esan, cha chualas le cluais chruithichte. Chunnacas i le iomad h-aon, latha an deigh latha, a’ turaman aig dorus a’ bhothain—a da laimh gheala bhoidheach paisgte tarsuing air a h-uchd. Bha i an sin latha a’s latha, ach cha deach neach a labhairt rithe. Mu dheireadh mhothuich (Air a leantuinn air taobh 134.) [TD 132] [Vol. 8. No. 17. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, NOBHEMBER 3, 1899. Tha an obair iaruinn a dol air adhart gu math, ged nach eil e coltach gu’m bi pairt de’n obair air a criochnachadh cho luath ’s bha duil. A reir coltais tha gainne luchd-obrach a cur dail innte. Thatar an drasda ’tomhas eadar am baile ’s na Forks, le run a bhi tarruinn an uisge dh’ ionnsuidh na h-obrach a Loch Bhlackett—astar ochd mile. Thatar a togail aireamh thaighean air Ashby air son an luchd-obrach; tha dha no tri cheudan ri bhi ann dhiubh uile, ach cha chuirear crioch ach air aireamh bheag dhiubh gus an tig an t-earrach; ’s ann an uair sin a thoisicheas an obair a cheart da-rireadh. THA barrachd us aon bhaile d’ an ainm Sidni air an t-saoghal. Fhuair sinn litir o chionn da sheachdain air ais o charaid ann an Gibraltar, a’ gabhail dhuinn air son nach do dh’ atharraich sinn seoladh a phaipeir mar a dh’ aithn e dhuinn ann an litir a sgriobh e ugainn toiseach Ogust. Cha robh fhios againn ciod a theireamaid; oir cha d’ fhuair sinn seoladh sam bith uaithe gu ruige sud fhein. Ach an ceann dha no tri lathaichean fhuair sinn an litir a dh’ ainmich e, ’s i ’n deigh sgriob a thoirt air ar toir do Shidni, an Australia,—baile air am bheil barrachd eolais aig muinntir na Roinn-Eorpa na tha aca air ceanna-bhaile Cheap Breatunn. Ach, o’n tha ’m baile so a nise ’fas, tha dochas againn nach fhada ’n uine gus am bi an saoghal uile cho eolach air ainm ’s air a chliu, ’s nach dean seirbheisich Victoria mearachd sam bith a thaobh nan litrichean. Cha’n eil sgeul cho math as an Transvaal air an t-seachdain so ’s bu mhath leinn. Ann an cath a chuireadh faisg air Ladysmith an la roimhe, chaidh da reiseamaid Bhreatunnach a chaidh a chur a mach air son a chuid eile dhe’n arm a dhion, a chuartachadh leis na Boers, agus mur robh iad air am marbhadh, tha iad air an cumail ’nam priosanaich. Tha so an deigh tamailt mhor a chur air sluagh Bhreatunn. Tha e air innse gu’n do thuit mile saighdear Breatunnach o’n thoisich an cogadh, ged nach do chuireadh fhathast ach a dha no tri de bhlair bheaga. Tha ’n Seanalair Buller a nise ann an Cape Town, agus an ceann seachdain no dha bidh e air larach a chogaidh le armailt laidir a chuireas crioch air neart nam Boers an uine ghoirid. Tha na Boers a nochdadh gu bheil iad nan saighdearan na’s trise ’s na’s seolta na bhatar a cur mu’n coinneamh. LITIR A CEAP NOR. O’n tha’n aimsir air a bhi cho tioram o chionn co’-la-deug, tha sinn mu bhi ullamh de chladhach a bhuntata; agus ged tha beagan de’n ghrodadh ri fhaicinn annta, tha sinn an dochas nach teid e cho fad air aghart ’s gu ’n caillear a bheag sam bith dhiubh. Tha cuid air a bhi tarruing beagan dhiubh gu iasgairean Acarsaid Neil, far am bheil sinn a’ faotuinn ar cuid iasg geamhraidh air an son gach bliadhna. ’N uair thuiteas de shneachda na ni deadh rathad shleidheachan, cha ghabh na tuathanaich tamh no fois gus an tig a Bhliadhn’ Ur, ach a tarruing cuid de thoraidhean an cuid fearainn gus am faigh iad air an son na’s urrain iad de nithibh a bhios feumail dhoibh air son a gheamhraidh. Tha iasgairean Acarsaid Neil, agus na h-Acarsaid Nuaidh an deigh deanamh ni’s fearr mar tha air iasgach an truisg, na rinn iad o chionn aireamh bhliadhnaichean. Tha sin buannachdail cha’n ann a mhain dhoibh fein, ach mar an ceudna d’an cuid mharsantan, agus do uile thuathanaich an aite so. O sgriobh mi mu dheireadh tha’m bas an deigh cuid dheth na h-eolaich a’ ghearradh air falbh as air measg. Air an t-siathamh la fichead de ’n mhios ’so chaidh, an deigh tinneas goirid, dh’ eug bean Iain ’Ic Leoid, (mac Alasdair). Bu nighean i do Dhomhnull Mac Gilleathan air Beinn an t-Sealgair, aig an Abhuinn Mheadhoinaich. B’iad an dithis eile dh’ eug bean seann Rob Hellen, agus Domhnull Mac Leoid, mac Mhurchaidh Rhob. Tha sinn ag altrum an dochais gu bheil iad so uile am measg na h-aireamh lionmhor a tha sealbhachadh na fois a dh’ fhagadh fa chomhair sluaigh Dhe. Air oidhche Dior-daoin ’sa chaidh, agus a ris air an t-Sabaid, shearmonaich an t-Urr. Iain Friseal, agus Mr. Mac Mhannain anns an eaglais Chleirich. An deigh searmoin druighteach eile air maduinn Di-luain, chaidh sinn mu thimchioll ar n-ainmean a chur ris a ghairm a tha sinn a toirt do’n Urr. Lachuinn Beutan, a tha air a bhi saoithreachadh ’n ar measg o chionn corr us bliadhna. O’n tha “gnothuch an righ” cabhagach, chuireadh am peann an laimh Dhaibhidh, am “fear-sgriobhaidh deas,” a chum gu sgriobhadh e sios air n-ainmean mar a rachadh sinn suas a dh’ ionnsuidh a bhuird-sgriobhaidh. ’Nuair bha gach ainm gu bhi ris a ghairm, thog Daibhidh a shuilean suas ris na seann daoine coire Domhnull agus Raonull, a bha nan suidhe gu stolda aig bile na lobhta, agus labhair e, ag radh, “Cha’n fhaca mi bhean agaibhse a bhos an so idir.” Freagair Domhnull, “An i bean Raonuill a tha thu ciallachadh?” Daibhidh—“’S i.” Domhnull—“Tha i shios ann an sid, agus eigh suas oirre.” Daibhidh—(le fiamh ghaire)—“Cha ’n eigh mise oirre mur tig i le ’toil fhein. Ged chuir eisdeachd a chomhraidh so coltas aoidheal air aghaidh gach aon a bha lathair, bha’n tuilleadh a’ feitheamh orra. ’N uair chunnaic Raonull nach robh a choltas air a’ mhnaoi gu’n gluaiseadh i as a h-aite-suidhe, leig e air gun robh a mhiann air a leth-sgeul a’ ghabhail le radh, “Cha’n eil fios nach ann a bhuineas ise do’n eaglais eile.” B’i an eaglais Methodaich a bha Raonall a ciallachadh, ged ’s math a bha fios aige fhein ’s aig na bha lathair nach robh a chuis mar sin. Chaidh Daibhidh a dh’fheorach de’n mhnaoi co’n eaglais d’ am buineadh i, ’s mar sin chaidh a h-ainm ris a’ ghairm air doigh nach di-chuimhnich sinn fhad ’s as beo sinn. M. D. Ceap Nor, Oct., 26, ’99. Sheol an soitheach-smuide Sardinian a Montreal Di-luain s’a chaidh, le reiseamaid Chanada do’n Transvaal—mile duine—aic’ air bord. Bha duil an toiseach gu’n tadhladh an soitheach anns an acarsaid so air a falbh, ach tha e coltach nach robh an sin ach fathunn. ’Se so a cheud bhuidheann shaighdearan a dh’fhalbh riamh a Canada gu cogadh os leth na duthcha mathaireal ann an tir chein. Tha ceud us coig deug air fhichead de’n bhuidheann so a Nobha Scotia, ’sa chuid mhor dhiubh sin a Halifacs. Cha’n fhios dhuinn gu bheil far duine no dithis ann a Ceap Breatunn, ach cha’n eil sin ’na ioghnadh mor, oir cha ’n fhaigheadh iad ann gun a dhol gu ruige Halifacs. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha.Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. [TD 133] [Vol. 8. No. 17. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha na h-iasgairean air cladach a tuath an eilein so a gearan gu mor air a bhiorach. Tha iad a sracadh nan lion, ’s mar sin a cur call mor orra. Cha d’ fhuaireadh ach fior beagan rionnaich a ghlacadh air an fhoghar so. Tha P. L. Naismith an deigh a dhreuchd mar riaghladair Rathad-iaruinn Shidni agus Louisburg a leigeil dheth, air dha aite ’s fhear fhaotainn anns an Iar Thuath. Tha Alasdair N. Mac Gill-fhinnein a ’gabhail ’aite air Rathad-iaruinn Shidni us Louisburg. Bhrist teine mach ann an tigh-osda am Montreal maduinn Di-mairt s’a chaidh, agus chaidh coignear no sianar dhiubhsan a bha ’nan cadal ann a losgadh gu bas, agus a bharrachd orra sin chaidh triuir dhiubhsan a bha feuchainn ris an teine chur as a mharbhadh. Maduinn na Sabaid s’a chaidh, chaochail Iain Domhnullach, a bha air a leonadh air laimhrig a ghual oidhche Di-mairt roimhe sin. Cha d’thainig e uige fhein o’n chaidh a leonadh agus cha robh duil sam bith ris. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh do St. Ann’s gu bhi air a thiodhlacadh. Cha robh e-fhein ’s Mac-Gilleain, a chaidh a mharbhadh leis an sgiorradh cheudna, ach uine ghoirid aig an obair. Chaochail an t-Onarach Paruig Mitchell ann am Montreal oidhche Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig bas gle aithghearr air; bha e gabhail cuid na h-oidhche ann an tigh-osda Windsor, agus fhuaireadh marbh ’na leabaidh e ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha e air aon de na daoine a bha mu dheanamh nan cumhachan air an deachaidh roinnean Chanada aonadh ri cheile anns a bhliadhna 1867. Tha na daoine sin a nise fas gann; a bharrachd air Sir Tearlach Tupper, cha’n eil beo an diugh dhiubh ach a dithis no triuir. Tha an t-Urr. Alasdair S. Mac Neill, B. A., B. D., a Orangdale, an deigh gairm fhaotainn o choithional Orwell, an Eilean a Phrionnsa. Bha Mr. Mac Neill a’ searmonachadh aca pairt de’n t-samhradh s’a chaidh, agus thaitinn a shaothair riutha cho math ’s gu’n d’rinn iad an gairm g’a ionnsuidh aon-sgeulach. Chriochnaich e a chursa anns a chollaiste air an earrach ’sa chaidh. Tha Orwell na dheagh pharaiste, agus tha sinn toilichte gu’n d’rinn an sluagh roghainn cho math. Tha iad gun mhinistear o chionn bliadhna, nuair a chaidh an t-Urr. D. B. Mac Leoid a ghairm gu Charlottetown. Tha Ioseph A. Gillios, M. P., an deigh an larach air am bheil an oifis aige a chreic ris a Chommercial Bank of Windsor air da mhile dheug dolair. Tha so ag innse gu bheil pris an fhearainn air eiridh gu mor o’n chaidh toiseachadh air an obair iaruinn a chur air adhart. Cha ’n eil ann ach 58 troidh an darna rathad agus 60 troigh an rathad eile, ach ’s ann air oisinn sraid tha e, agus tha e mar sin na’s luachmhoire na bhiodh e an ait’ eile. Tha am banca dol a chur suas togalach brick us goireal, a bhios tri stoiridhean a dh’ airde, agus a bhios air aon de na togalaichean a’s briagha ’sa bhaile. Tha Calum H. Mac Aoidh, a chriochnaich a churs’ ionnsachaidh mar dhotair ann an oil-thigh na Ban-righ, an Kingston, air an earrach s’a chaidh, a nise air suidheachadh anns a Bhagh an Iar. Tha sinn an dochas gu’m bi soirbheachadh math leis an sin. Buinidh an Dr. Mac Aoidh do Loch Ainslie. Tha McManus Low is McManus an deigh an obair a bh’ aca o’n Chuideachd Iaruinn a leigeil uapa; cha b’ urrainn dhaibh crioch a chur oirre air an t-suim air ’n do ghabh iad i. Tha fear dhiubh air falbh ’s tha ’n dithis eile ’g obair do’n chuideachd. Tha a chuideachd fhein a nis a cur air adhart na h-obrach. B’ i oidhche Di-mairt Oidhche Shamhna. Cha robh uiread cron air a dheanamh leis na gillean air feadh a bhaile ’sa b’ abhaist bliadhnaichean roimhe; tha barrachd mhaor ann a nise gu suil a chumail orra; ach air feadh na duthcha, cha’n eil teagamh nach robh cal agus tuirneap air an goid cho pailt ’sa bha iad bliadhna riamh. Tha e air aithris gu bheil Cuideachd Iaruinn Nobha Scotia, aig am bheil an obraichean an drasda ann am Ferrona, a dol a ghluasad gu Sidni Tuath. Bha so air a radh roimhe, agus an deigh sin air aicheadh, ach tha cuid ag radh air an turus so nach eil teagamh sam bith ri chur ann. Tha sgeul eile ’g innse gur ann a tha iad a dol a chur an obraichean suas aig Caolas Chanso. Air an t-seachdain s’a chaidh thug sinn iomradh air bas Neill Dhomhnullaich, aig taobh deas Amhuinn Dhennis. Faodaidh sinn innse gu’m b’e so “Bartimeus,” a thug eachdraidh thaitneach air bliadhnaichean ur-aiteachaidh na duthcha so do’n MHAC-TALLA air samhradh 1894. Bha an eachdraidh air a sgriobhadh o bheul fhein le caraid a bha smaoineachadh gu’m b’fhiach a cur an clo; tha i gle phongail, agus lan de dh’fhiosrachadh a gheibhear feumail le luchd-eachdraidh an deigh so. Bha stoirm mhor ann an Jamaica deireadh na seachdain s’a chaidh, a mhair ceithir latha, ’sa rinn call mor. Mhilleadh a chuid mhor de’n bharr mheas, banana, coffee, orange, agus seorsachan eile, agus bha taighean air an leagail, roidean air an cladhach, ’s drochaidean air an sguabadh air falbh leis na tuiltean. Bha dortadh mor uisg ann; timchioll air Kingston, shil eadar coig deug us ceithir air fichead oirleach uisge Di-haoine ’s Di-satharna. Cha ’n urrainnear an call a mheas ceart fhathast, ach tha fhios gu’m biodh e gle throm. Thatar ag obair air cruinneachadh airgeid air feadh Chanada air son cuideachadh a dheanamh le mnathan us clann nan daoine dh’fhalbh do’n Transvaal, ni a tha gle iomchuidh; ’nuair a dh’fhalbhas duine ’chur blair os leith a dhuthcha, cha mhor an gnothuch dhaibhsan a dh’fhuiricheas aig baile iadsan a dh’fhag e ’na dheigh a chumail suas fhad ’sa bhios e air falbh. Tha tionail air son an aobhair cheudna ’ga dheanamh ann am Breattnn. Chuir Rudyard Kipling oran a mach toiseach na seachdain so air son an sluagh a bhrosnachadh gu bhi fialuidh ri mnathan ’s ri cloinn na muinntir a dh’fhalbh do’n Transvaal. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. INNEALAN GIULAN dhe gach seorsa AIR AN DEANAMH RI ORDUGH. GHEIBH CRUIDHEADH EACH AIRE SHONRUICHTE. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dobbin and Matthews Streets, Sidni, C. B. Cotaichean Mackintosh, Ulsters, Cotaichean Uachdair, Reefers, Coon, Dogskin & Wambat. AIG J. C. Mills, Sidni, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. [TD 134] [Vol. 8. No. 17. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 131.) iad nach robh i a’ gluasad—’na suidhe air cloich, a ceann air a glun, ’s a h-aodann air a thionndadh ri taobh a stigh a’ bhothain. Chunnacas mu dheireadh, na fithich ag itealaich mu’n aite; agus chualas roc nan eun lonach chiocrach so ’tighinn air oiteig na h-oidhche. “Tha Ulic, mac Mhic-Chellie mhoir a’ Chaisteal Duibh, air caochladh,” arsa gach aon. “Cha chreid mi gu bheil,” arsa feadhainn eile; “mothaich, cha d’ fhuair fitheach no rocas a stigh air dorus a’ bhothain fhathast.” Ach thubhairt neach eile, “Bha mise gabhail beachd air an aite, ’s thug mi fainear, a h-uil’ uair a dh’ fheuch an t-eun granda ciocrach dol a stigh, gu’n robh ni-eigin mar bhreid gheal air a thogail ’s air a chrathadh, a dh’ fhuadaich na fithich air falbh.” Bheachdaich iad uile air an la-maireach, ach cha robh am breid gheal a’ gluasad. Chaidh iad dluth. Bha Una an sin na h-aonar, ach bha Ulic marbh. Ghlaodh iad air Una eiridh, a’s tighinn air falbh. Smeid iad oirre, ach cha do fhreagair i. Thainig a brathair. Chaidh e dh’ ionnsuidh an aite. Chuir e a lamh air a guallainn, a’s thubhairt e,—“Una, a phiuthar mo ghaoil! thig dhachaidh. Eirich, a ’s thig maille rium; eirich, a’s fag an t-aite so. Thainig breitheanas airsan a mheall ’s a thug naire air teaghlach t’athar.” Ach cha d’ thubhairt Una diog—cha chualas osann no glaodh. Dh’ amhairc a brathair ’na h-aodann, ach bha i gun deo!—chaochail aileag nan iomad buaidh! Bha ’phlaigh a nis air a casg ’san duthaich. Chruinnich tuath an da theaghlaich, ’s an cairdean. Chladhaich iad uaigh ann an Cill-an-darraich (Kildare), a’s chairich siad iad taobh ri taobh. Chuireadh an t-aon leachd thairis orra. Loisgeadh am bothan anns na chaochail iad. Chinn da chraobh ard ’san aite, a tha air an leigeil ris gus an latha ’n diugh, fo ainm craobh Ulic a’s craobh Una.— Cuairtear nan Gleann. SGEUL AIR INNSEANACH. Dh’eirich fear do Innseanaich America gu moch aon la a dhol a shealg. “Tha mise,” a deir e r’a mhnaoi, “a’ dol do’n choille a shealg; ’nuair a mharbhas mi fiadh thig mi dhachaidh a’ d’ionnsuidh-sa ’nuair a theid a’ ghrian fodha air cul na beinne.” Rainig e ’choille, agus re uine mhor cha do thachair fiadh air; ach mu dheireadh chunnaic e damh-feidh, chuir e ’ghunna r’a shuil, loisg e air, agus thuit an damh; ach cha robh e ach air a leonadh; dh’eirich e agus thar e as. Lean an t-Innseanach e, a’ cumail seallaidh air; ach cha robh e ’na chomas teachd am fad urchair dha. Mar so lean e air a thoir, gus an d’ fhag e ’choille, agus thug e car-mu-thom dha, agus chaill e fradharc air. Bha’n t-Innseanach ’ga lorgachadh mar a b’fhear a dh’fheudadh e; ach dh’ fhartluich air cur ris. Chaidh e o chnoc gu cnoc, agus o bhearradh gu bearradh; ach cha b’urradh dha ’fhaotainn. ’Nuair bha e gu h-airsneulach sgith, rinn e suidhe, agus le h-aimheal smuaintich e air a mhi-shealbh. ’Nuair a leon e’m fiadh, shaoil e gum bu chuis da fein e; agus am feadh a bha e ’ga ruagadh, bha fiuthair laidir aige gu’n tigeadh e suas ris, agus gu’m biodh aige fein agus aig a chairdibh cuirm sholasach air, ’an co-chaidreamh a cheile. Luidh mothachadh a challdaich gu trom air. Bha, re seal, uiread iomaguin air uime, agus nach d’thainig e ’na aire gu’n robh e ann an cearna do’n duthaich air an robh e tur-aineolach; ’s gu’n robh dorchadas nan trath ag iathadh uime. Faidheoidh mhosgladh as an neo-shunnt so e le sgreachail nan eun a’ fagail na lombair a gabhail am fois sa’ choille. Ghrad dh’eirich e, a’ gabhail beachd air an tir m’a thimchioll, agus air faicinn dha gu’n deach a’ ghrian fodha, thuig e ’n cunnart anns an robh e. Bu chunnartach dha fuireach far an robh e; agus a thuillidh air sin bha’m beagan loin a bh’aige air teireachdainn agus bha e fann, sgith, agus acrach. Chuir e roimhe pilleadh dhachaidh; agus ge nach robh aon fhiuthair aige gum b’urrainn e ’bhothan fein a ruigheachd an oidhche sin, air leis gu feudadh e teachd gu tigh fialaidh eigin far am faigheadh e biadh car na h-oidhche sin. Leis an dochas so, chaidh e air aghaidh; ach cha deachaidh e fada gus an d’fhas an oidhche ro-dhorcha, ’s gu’n do mhothaich e gu’n robh e ann an gabhadh mor, le dol a stigh feadh cuilce ann am feur-lochan agus ann an lathaich dhomhain. Ach fhuair e as a’ chunnart so le faicill agus le teomachd; agus cha luaithe thainig e as, na thilg se e fein ’na shineadh air an talamh, gun fhios ciod an taobh a rachadh e. Bha tigh tuathanaich dluth do’n ait air an robh ’n sealgair ’na shineadh. Chunnaic e rionnag sholuis o aon do na h-uinneagaibh ’nuair a sheall e thaobh tuiteamais san aird sin. Dh’ eirich e, ’s a’ cumail an t-soluis ’na bheachd, dh’fhalbh e, le lan-fhiuthair gu’n gabhadh muinntir an tighe ris le fialachd. Cha b’ ann gun stri a rainig e, agus chaidh e gu neo-sgathach a stigh. Bha acras mor air, agus dh’ iarr e gu luath greim arain; ach, ni a chuir mor-ioghnadh air, fhuair e gu gruamach an diultadh. Chuir e ’n ceill gu snasmhor an cunnart as an d’ thainig e, agus am bas eagalach a bha feitheamh air, mur deonaicheadh iad cobhair dha: ghnathaich e gach deas-chainnt a bha ’na chomas: ach cha d’ thug iad feart as an tuathanach. Cha’n e ’mhain sin; ach ’s ann a thug e lamh air gunna, agus dh’iarr e air gu h-iargalta e theannadh a mach, no gu’n spadadh se e. Dh’ fhalbh an sealgair bochd: b’ fhaoin da tuilleadh briodail a ghnathachadh; agus le oidheirp a thoirt air fuireach leis an laimh-laidir, cha deanadh e ach sgrios obann a tharruing air fein. Lan feirg, dh’ fhag e ’n tuathanach an-iochdmhor, agus dh’oidheirpich e ’choille a ruigheachd, agus leig se e fein ’na shineadh aig bun craoibhe. Bha a chridhe duineil ag aomadh fo mhulad, ’nuair a chual’ e fuaim direach os a cheann. Thainig so o dha eun mhor a bha gabhail taimh ’na geugaibh. Chuir e gu samhach urchair ’na ghunna, agus leag e fear dhiubh. Ghrad thug e leis e, agus chaidh e ni b’fhaide a stigh sa’ choille, air eagal nan cluinneadh an tuathanach an urchair gum feudadh e teachd air a thoir. Bheothaich e teine agus roist e ’n t-eun; ’s an deigh a h-itheadh, choidil e gu trom gu maduinn. Dh’ eirich e, agus gun tuillidh sgiorraidh rainig e dhachaidh. Mu thimchioll da mhios an deigh so, bha gnothaichean aig an tuathanach a thug air dol fad’ air astar o ’thigh fein; agus an uair a bha e air a thurus dhachaidh, chaidh e air seachran ann an coille. Bha’n t-Innseanach a mach a’ sealg, agus thachair e air a thaobh tuiteamais, agus dh’ aithnich e gu grad am fear a bhuin co mi-chneasta ris. Thainig e ’na aire gu h-obann dioghaltas a dheanamh air; ach ghrad-smuainich e gum bu neo-fhiachail an cothrom a ghabhail air duine nach robh fo armaibh. Cha d’aithnich an tuathanach e; agus dh’ asluich e gum biodh e co math ’s a sheoladh air a shlighe. Thubhairt an t-Innseanach gu ciuin ris, gum bu chunnartach dha oidheirp a thoirt air a thurus an oidhche sin; ach nan rachadh e leis-san chum a thighe, agus fuireach an nochd, gum b’e a bheatha gus an ni a b’fhearr a bha ’na bhothan bhochd-san. Dh’ aontaich an tuathanach gabhail ris a’ chuireadh, air dha bhi feumail air gabhail mu thamh, a thaobh sgios agus acrais. Chaidh e leis an Innseanach a dh’ionnsuidh a thighe, agus bhuin e ris le sar-bhiatachd. Air a’ mhaduinn am maireach, thairg e co-leasachadh dha airson a dhragha; ach cha ghabhadh an t-Innseanach ni air bith ’na eiric, ag radh, gu’n robh toileachadh gu leoir aige, a chionn gu’n tug e aoidheachd do dhuine a dh’ fheudadh, le bhi as eugmhais, bhi air a chall sa’ choille. Agus an aite luach-saothaireach a ghabhail uaithe, thairg e dha dhol leis uidhe araidh air a thurus. An deigh dhol greis air an aghaidh, thainig iad gu mullach ard, ’an sealladh tighe an tuathanaich. Sheas an t-Innseanach gu grad, agus thubhairt e r’a cho-fhear turuis, “Am bheil thu ’ga m’ aithneachadh? Mu thuaiream da mhios roimhe so, thainig mi air eiginn a chum do thighe gu fann sgith.” Ghrad dh’ aithnich an tuathanach e, mhothaich e agartas-coguis, agus bha e dol a ghabhail a leisgeil airson mar rinn e; ach chuir an t-Innseanach ’na thosd e, agus thubhairt e ris, “Dh’ iarr mi ort greim arain; dhiult thu mi. Dh’innis mi dhut gu’n robh mi dluth air a’ bhas; thug thu do ghnath an diultadh dhomh. Dh’ iarr mi ’n sin ort e ann an ainm do Dhe; ghlac thu do ghunna. B’ oillteil do ghnuis. Dh’ amhairc mi oirre: dh’ fhag mi do thigh. Thionndaidh mi o d’ dhorus, ag radh, Feuch so far am bheil an duine geal a chomhnuidh, namhuid a choigrich! Am bheil a nis eagal ort gu’n tog mi mo laimh na t’aghaidh? Cha ruig thu leas; na biodh eagal ort, sud agad do thigh; rach dhachaidh; agus bi subhach maille ri d’ mhnaoi agus ri d’ chloinn; ach cuimhnich nach cuir thu ’m feasd an t-acrach air falbh o d’ dhorus; oir cha’n fhios duit ciod a tharlas dhuit fhein.” GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m Seacaidean Cotaichean Deiseachan Deante DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN. Curraichdean Ceannabharan Deiseachan Miotagan DO ’N CHLOINN. AIG J. C. MILLS, SIDNI, C. B. THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. [TD 135] [Vol. 8. No. 17. p. 7] LITIR O’N CHUAIRTEAR. Cluinnidh cuairtear iomadach rud neonach. Chuala mi da naigheachd bheag agus bheir mi dhut iad, ’s tha mi deanamh dheth gu bheil gaire cridheil annta. Tha fear a thainig gu aois is nach d’ fhuair bean, a fuireach ann am baile beag ann an siorrachd Inbhirnis, agus seann phiuthar nach d’ fhuair fear a cumail tighe dha. Tha ise gu h-araid gle gheur. Bha fear ann a bhiodh a cumail connaidh riutha; ach thachair gun d’ thainig stoirm mhor shneachda. Bha an rathad air a dhunadh fad sheachdainnean, ’s ruith iad a mach a connadh. ’Se coimhearsnach a chum gual riutha fad na stoirm. Ach thainig side mhaith, ’s rathad maith, ’s cha robh an da chabhaig air fear a chonnaidh a tighinn. Mu dheireadh thainig e, agus, mar a dh’ fhaodas tu a thuigsinn, cha robh an te a bha ’ga reotha ann an inntinn mhath dha. An uair a bha e dol a dh’ ionnsuidh an tighe chunnaic e tighinn a mach i, ’s bha fhios aige fhein gu de bu chiall da sin. Bu mhiosa dha an stoirm a bha roimhe na an te a chaidh seachad; ach bha ’n duine ’ga fhaighinn fhein car ciontach, ’s rinn e inntinn suas gun gabhadh e na shaoil leis a choisinn e. Loisg i air co-dhiu. Chur e suas le roinn mhaith, ’s nuair a chunnaic e nach robh cial sgur aice, thuirt e ’na mhor chorruich, “Thoir an drochàit’ ort!” “Ma ta, a laochain,” ars’ ise ris, “cha b’ aobhar eagail an t-aite sin nam bu tusa bhiodh a cumail tein’ air.” Cluinnidh mi fuathas mu dheibhinn ceud thigh’nn a mach nan clocaichan do’n aite so. Bha e ’na chomharradh air duine a bhi gle bheartach cloc fhaicinn ’san tigh aige. Dh’ fhagadh tu gle mhi-fhoiseil iad ach thu a dh’ fhaoighneachd gu de an uair a bha e. Bha teaghlach fortanach dhiu so san eilean so; ’s bha a h-uile duine san teaghlach a dol a mach a chur buntata ann an coille loisgte ach seann chailleach. Bha aice so ri eigheach dhachaidh oirre aig an am dhinnearach. Thuirt fear an tighe rithe, “An uair a bhios an spog mhor air muin na spoige bige seididh sibh an dudach.” Cha luaithe a bha iadsan am mach na chual’ iad an dudach. Cha b’ urrainn daibh a chreidsinn gur e an dudach aca fein a bha ann cho trath sid. Ach lean ise air an dudaich. Chruinnich na coimhearsnaich, ’s iad an duil gu robh an tigh na theine. Smaoinich an fheadhainn a bha ’sa choille gu de fios nach e an dudach aca fein a bha ann, ’s gu’n robh ni eiginn cearr, agus thilg iad bhuatha gach maide crom is hotha is chuir iad an aghaidh air an tigh le cabhaig. An uair a nochd iad ris an tigh chunnaic iad moran dhaoine mu ’n dorus. Chur so a chabhag na bu mhotha orra. An uair a rainig iad, ’s am fallus ’gan dalladh, dh’ fhaighneachd iad gu de bha cearr. Thuirt a chailleach, “Gu ’n robh a spog mhor air muin na spoige bige.” Thuig iad a mach bho ’n la sin nach ann aon uair san latha bha an spog mhor air muin na spoige bige. Beannachd leat. Tha ’n t-am agam sgur. Tha an spog mhor air muin na spoige bige, ’s tha agam ri dhol roinn de mhiltean mu ’n tachair sin a rithist. Is mi do charaid, AN CUAIRTEAR. SANAS. Tha toil againn aireamh luchd-ghabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh so, agus air son sin tha sinn a toirt nan tairgsin a leanas. I. Neach a chuireas ugainn tri dolair air son triuir luchd-gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fhein a nasguidh. II. Neach a chuireas ugainn ceithir dolair air son ceathrar luchd gabhail URA, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a nasguidh agus an leabhar-oirnn “Na Baird Ghailig.” Cha bhi an tairgse so fosgailte ach gus a teirig na th’ againn de na leabhraichean sin. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. Am Feillire. NOBHEMBER, 1899. 1 Di-ciaduin An t-Samhuin. 2 Dior-daoin La nam marbh. 3 Di-haoine 4 Di-satharna 5 DI-DONAICH XXIV. Donaich na Caingis. 6 Di-luain Posadh Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1750. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin Bas Dhun-Scotuis, 1308. 9 Dior-daoin Areith Bhaltar Geikie, 1795. 10 Di-haoine Breith Fhir Chuilfhodair, 1685. 11 Di-satharna 12 DI-DONAICH XXV. Donaich na Caingis. 13 Di-luain La Sliabh an t-Siorraimh 1715. 14 Di-mairt 15 Di-ciaduin Glacadh Baile Charlisle, 1745. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine 18 Di-satharna 19 DI-DONAICH XXVI. Donaich na Caingis. 20 Di-luain Breith Um. Blackwood, 1776. 21 Di-mairt Bas Sheumais Hogg, 1835. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin 24 Di-haoin Bas Iain Cnocs, 1572. 25 Di-satharna Bas Sheann Thormoid Mhic Leoid, 1863. 26 DI-DONAICH 27 Di-luain La Phentland, 1666. 28 Di-mairt 29 Di-ciaduin 30 Dior-daoin An fheill Anndrais. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 3, U. 6, M. 13 M A Cheud Chairteal L. 10, U. 9, M. 21 M An Solus Lan L. 17, U. 6, M. 5 M An Cairteal mu Dheireadh L. 25, U. 2, M. 21 M Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do ’n MHAC-TALLA. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 136] [Vol. 8. No. 17. p. 8] SGIALACHD NA TROIDHE. V. Duan. AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOAHAN MAC-LACHAINN. (Air a leantuinn.) An sin chuir Greugaich Troidh ’n a deann, ’S chaisg gach ceannard laoch dha fhein. Thorchradh Odius mor an tus, Le mac Atreuis iul nan treun, ’S e tionndadh a steud gu taobh. Romh ’n sgrios chiurraidh ’n a mhaom-ruaig; Bhuail e ’ghlocach cul an t-suinn, ’S tholl romh ’n uchd bho ’n druim le fuaim. Triath nan Alisonach garbh, Mach a charbad thuit gun deo; Shlintrich na buill phrais mu ’chom, ’S dh’ fhalbh an sgail gu fonn a’ bhroin. Mharbh Idomen Phæstus corr, Iarmad Bhoruis bu chian cliu, Air ur theachd gu magh a’ bhlair, Bho chrich Thairne nan gorm lub. A mhiann grad-shuidh air a steud, Los bhi shios a leum ’s a’ ghreis; Thainig fad shleagh nan creuchd trom, ’S bheum i ’n sonn ’s a’ ghualainn deis: Thuit e marbh a charbad nuadh, ’S dhuin uime nial fuar an aoig; Dh’ iath an luchd-freasdail mu ’n chairbh, ’S reub iad dh’i na h-airm ’s am faobh. Thuit Scamandrius bu mhath surd Feadh nan stuc a shealg an fheidh, Menelaus mharbh an t-og, Le shleagh mhoir bu stroiceach beum. Nochd Diana ceird a lamh, Do’n chuimseir a b’ airde miagh A’ lot gach faoghaid le ’ruinn A dh’ araicheas coill nan sliabh. Beag tairbhe do ’n fhleasgach aigh, Ceird Diana nan luath chalg Cuimse lamh air bac nan sron, An gniomh sonraicht’ a sgaoil ainm Menelaus ’g a ruag dluth Nach d’ fhas fann air cul nan sleagh. Thilg e ’n a dheigh le fios bais, An gath treun bu chraiteach blagh, Eadar da shlinnein an oig, ’S romh uchd garbh chaidh croc nan ruinn: Thuit e gun phlosg air an leirg, ’S chluinnteadh gliongraich airm an t-suinn: Thorchuir Merion le chruaidh chaoil, Phereclus mac saor-nan-long, Lamh a bha teom’ air gach gniomh ’Chunnacas riabh ’g a dheilbh air fonn. Aig Pallas bu mhor a thoirt; ’S e rinn cabhlach an toisg thruaigh A dh’ aisig gu Troidh, ’s dha fhein Aobhar millteach nan creuchd buan. Bu bheag fhios air run nan dia; Dhruid ris Merion ’g a dhian-ruag, ’S esan a’ deann-ruith le geilt, Lot e bhodhan deas le chruaidh. Romh shoire ’n uisge fo ’n chnaimh, Shiubhail gloc nan ar le srann; Thuit ’s an raoicich air leth-ghlun, ’S an ceo siorruith dhuin mu ’cheann. Mharbh Meges Pedæus bras, Mac Atenoir bu ghasd iul, Ged rugadh romh ’n cheangal-phost’ Thog Theano ’n t-og le muirn. Ceart amhuil a maca ruin, Stiuir i ’m fiuran ’s gach deagh-bheus, Mar urram do ’n ghaisgeach aigh, D’ an d’ thug i buan ghradh a cleibh. Dhruid ’n a choir mac Philcuis treun, Bu mhor euchd an streup nan ruinn; Thilg e trom-ghath nam beum dluth, ’S bhuail e ’m fuirbidh ’n cul a’ chinn, Ghearr romh ’n teanga an searbh bhall, Eadar fhiaclan le srann fhuaim. Thuit esan ’s an dust fo ’n chreuchd, ’S ghlais e dheudach mu ’n chalg fhuar. Fhuair sagart Scamandeir eug Bho neart mhic Ethemoin chorr, Siol Dholophioin nan ard euchd, Dhearbh e urram de bho ’n t-slogh. Bha ’n Greugach ’g a ruag ’n a leum ’S e grad-theicheadh romh ’n bheum ghoirt Bhuail garbh-strailleadh le ’lann, ’S sgar e lamh an t-suinn bho ’chorp; Thuit e ’n a spaid air an raon, Dhoirt an fhuil ’n a caolas luath; Leag an trom bhas e ’s an uir, ’S bhruchd mu ’shuilean mar mhuir ruaidh. B’ amhuil confhadh nan garg laoch. A’ dian chaonnag ’s a’ chruaidh ghleachd; Chiteadh Diomed ’n a dheann-chaoir, A’ steud-leum ’s gach taobh de ’n fheachd. Thall ’sa bhos mu’n Ghreig ’s mu Throidh. Am buillsgein a’ chomhstrith ghairg; Seas a’s siar bho thus gu deis, Bha torunn an trein ’s an fheirg, Mar mhor-shruth geamhraidh nan sian, A’ barcadh gu dian romh ’n fhonn; Drochaidean daingean nam bruach, ’G an sguabadh le neart nan tonn; Drochaid no bruach, ’s dearbh gur faoin, ’N uair ghrad-thaosg maom nam beann, Leir-sgrios air garaidhnean-fion’ Barr na bliadhna ’g a thur-chall. Iobh a’ dortadh nam brachd luath, Dh’ fhagas gniomh gach sluaigh gun fheum; Sin mar ghluais an Greugach aigh, ’S a dh’ fhasaich e ’m blar gu leir. Mac Licaoin a b’ ard glonn, Bheachdaich air an t-sonn ’s a’ ghniomh, A’ dith-mhilleadh neart an t-sluaigh, ’S Troidh ’g a fuadach le ruaig dhian. Ghrad-chuir e saighead an crois, Los a lot ’s e teachd ’n a dheann; Bhuail an iuthaidh ’ghuala dheas. ’S shiubhail romh ’n deis airm le srann. Reubadh an uchdach mu ’chliabh, Le luath chalg a b’ fhiadhaich guin: Shath na gloic iarainn ’s an fheoil, ’S mu’n ghorm mhaillich dhoirt an fhuil: Mac Licaoin bu mhor buaidh, Dh’ eubh an cluais an t-sluaigh gu leir:— Fheachdan Troidheach nan steud fionn, Bruchdamaid a null gu gleus. Thorchradh leinn ciad laoch na Greig’; Dearbham gur dluth eug do ’n t-sonn, Cho ceart ’s a rinn dia nan calg. Mise mhosgladh gu garg-chonn, Labhair e, ’s bu diomhain ’uaill, Lot a’ bhais cha d’ fhuair an treun. Bu bheag ’fheairt air calg a chraidh, ’S cha diobradh a lamh an t-euchd, Ghluais an gaisgeach le ceum-cuil, ’S sheas e dluth d’ a charbad nuadh, Dh’ iarr e grad-thuirling gu lar, Air siol-Chabain nan arm cruaidh: A Steneluis mheanmnaich mhoir, Grad bhi nuas, dean foir am fheum; Dearc air mo ghuala le toirt, ’S tarrainn a m’ lot gloc nam beum. Thug Stenelus iasgaidh geill, ’S bharr nan steud, bha nios air lom: Spion e a gualainn an t-suinn, Calg nan ruinn bu neimhneach toll. Bhruchd an fhuil ’n a coilchibh ruadh, Sios le maillich nan dual breac; ’S thairg mac Thid an urnaigh ghearr Do dh-ard bhan-dia nan treun fheachd— Eisd rium, inghean ti nan speur A Phallas d’ an reidh a’ bhuaidh, Ma dhidinn thu m’ athair graidh, No mhac cliuiteach an dail chruaidh. Nise, nise, Phallas ghaoil, Seas ri m’ thaobh ’s cuir lus am dhorn; Stiuir gu neart mo shleagh a ’n laoch A thilg an gath caol gu m’ leon, ’S e ’sior-uaill am measg nan cliar, Nach fhaic mi chaoidh grian nan speur. O! leag-sa sinte e fo m’ leon, ’S a’ phlosgail le spairn an eig. (Ri Leantuinn.) Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. THA SGOILEARAN matha Gailig a sgriobhadh dha daonnan, agus a cumail leughadh taitneach ri sean agus og. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. A PHRIS: DOLAR ’SA BHLIADNNA. Bu choir dhaibhsan a tha deanamh ghnothuich SANAS a chur anns a MHAC-TALLA; oir, tha e ’na phaipear cho math anns an doigh sin ’sa ghabhas faotainn. THA E DOL FAD US FARSUING, agus anns gach aite do ’m bheil e dol thatar ’ga shar leughadh. CUIR DEUCHAINN AIR. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - - - C. B [TD 137] [Vol. 8. No. 18. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 10, 1899. No. 18. STOIRM ’S NA H-EILEANA GAIDHEALACH. LE ALASDAIR MAC FHIONGHAIN. Cha’n aithne dhomh ait’ air bith anns am fearr am faicear Nadur na h-uile ghluasad agus bhuaidhean, na anns na h-eileana Gaidhealach. Ann an sin, tha morachd uaibhreach nam beann, umhlachd iriosal nan gleann le’n sruthaibh caola fuara, sgeimh ghreadhnach an fhraoich, maise dhuilleagach nan craobh, comhdach sgiamhach na macharach, gloir nan neamh a latha agus a dh’oidhche, agus breaghchead a chuain mhoir a coinneachdh na sula air gach taobh. Eileanan aillidh an t-samhraidh ach eileanan iargalt’ a’ gheamhraidh! An so, ’nuair a thig i, tha an doinionn garbh. Tha a’ choille fo chrannaibh ruisgte o cheann fhada; a mhachair cruaidh, glas; am fraoch greannach; cota sneachda air na beanntaibh; agus na h-uillt a glaoidhaich le cuthach braise a ruith chum a chomhnaird. Tha Nadur a bha cho greadhnach beagan mhiosan air ais, mar gu’m biodh i ga reodhadh do’n chill le gaoth, uisge agus sneachd, agus a cur as dhi gu h-iomlan; feuch, faic coslas stoirm a tional. Bha an iarmailt riabhach, neulach glas. An deigh mheadhoin-la, dhubhadh as a ghrian o’n t-suil. Fad an latha, bha ghaoth ard, a seideadh o’n aird an iar; ach a nis thoisich i air tolladh sios chum nan neoil dhuth-uine a bha tuinnichte ’san iar-thuath. Thog eoin na mara do’n t-sliabh le guileag neonach nam beul. Bha ghaoth a fas. Chrath an seann iasgair a cheann, agus chuir e da acair eile air a bhata; an sin, luban siomain air an tigh-chomhnuidh, air a bhathaich, agus air a mhullan a bha ’san iuthlain cul an tighe. Bha an oidhche a nis air tuiteam agus dh’ fhosgail toll ’sna neoil ’san iar. Bha ghaoth mu reir, agus thog i gu eigheach feadh na coille, agus cuthach feadh na tir. Nuair a chriochnaich an t-iasgair a thighean a chur an ordugh, chaidh e stigh, oir bha ’nis an dorcha ann. “’S ann a fas a tha i,” ars esan ris a chloinn, “agus na rachaibh fad o’n tigh a nochd, Tha coslas an fhuathais oirre. Cluinnibh an fhead a tha aig a ghaoith ris an t-siomalair. Mo chreach! is iomadh maraich bochd a tha air chuan a nochd, ach mo thruaighe am fear air am beir an doilich ’san chuan-t-siar;” agus [Dealbh] POL CRUGER, UACHDARAN AN TRANSVAAL. Ged is e ’n Transvaal, air am bheil Cruger na Uachdaran, aon de na co-fhlaitheachdan a’s lugha th’ air an t-saoghal, tha esan an deigh ainm a dheanamh dha fein mar aon de na luchd-riaghlaidh a’s seolta tha beo an diugh. Tha e mar an ceudna ’na dhuine misneachail, treun, mar a nochd e aig an am so le impireachd mhor Bhreatunn a chur gu dulan. Tha e tri fichead bliadhna ’sa ceithir deug a dh’ aois. Rugadh e anns an Transvaal, agus tha e ’na ard uachdaran air duthaich a bhreith o’n bhliadhna 1882. Tha e ’na dhuine gle chrabhach, agus tha e dol do ’n chogadh so a lan chreidsinn gu ’n toir Dia nam blar buaidh dha. Tha e ’na dhuine deas-bhriathrach, agus cha ’n ainmig leis searmonachadh anns an eaglais d’ am buin e ann am Pretoria, ceanna-bhaile an Transvaal. Cha ’n eil Beurl’ aig’ idir, ach lan a chinn de chainnt nan Duitseach mar a tha i air a labhairt anns an duthaich sin. Is duine mor, measail da-rireadh e am measg nam Boers, agus tha e gle shimplidh, iriosal aig an tigh: gheibh bochd us beairteach a dhol a bhruidhinn ’sa chur an comhairle ris, agus ’se “Oom Pol,” no Uncle Paul, an t-ainm a th’ aig an t-sluagh air. Ach nuair a theid Oom Pol so a mach bidh uiread greadhnachais us gleadhair m’a thimchioll ’s gu ’n saoileadh neach gu ’m b’ urra rioghail e—na shuidhe ann an carbad-staite riomhach, air a chuartachadh le saighdearan armaichte. chaidh an t-iasgair do’n dorus a dh’eisdeachd beuchdaich a chuain iargailt. Sheas e samhach an sin car tacain, gus an do ghlaodh a bhean ris an dorus a dhunadh, oir bha a ghaoth a bagradh an solus a chur as. Chrann e an dorus, agus air suidhe dha taobh an teine dhearrsaich, ghuail, thubhairt e, “Buidheachas do Dhia airson seasgaireachd na dachaidh, agus blaths an teine agus flathaileachd mna agus teaghlaich a nochd. Tha an oidhche oillteil a muigh. Tha lan stoirm a seideadh, agus tha buirein gairisneach aig a chladach.” “O mo thruaighe bean an t-seoladair a nochd,” ars’ a bhean, air dhi suidhe a dh’fhigheadh stocain: “is iomadh bean a bhios gun fhear agus mathair gun mhac an deigh na h-oidhche so. Nach iomadh gabhadh ’san robh thu fein, a Dhomhnuill bhochd? Nach iomadh oidhche nach do dhuin mo shuil le iomagain, ’n uair a bhiodh na siantan caochlaideach, borb? Is iongantach nach robh mi ’am’ bhantraich cian fada roimhe so, ach shaor Dia thu asda air fad ged nach do chaomhnadh dream eile.” “Tha sin uile gle fhior, a Mhairi, ach o nach do bhathadh mi an latha a chaidh mi air fuadach gu ruig Eirinn, tha mi deanamh dheth nach i a mhuir a chuireas crioch orm.” “O,” ars a chlann gu h-aon-ghuthach, “innsibh dhuinn ciamar a dh’ eirich dhuibh;” agus chrubhadh iad ni bu dluithe da cheile gach piorradh a b’ airde na cheile do ghaoith a chluinneadh iad. An sin fein, thainig tri buillean cruaidh air an dorus. Dh’ eirich Mairi agus dh’fhosgail i e, agus a stigh thainig Eoghan Camshron, bog, fluich, agus lan puill, agus aodan air at le spairn a tighinn an aghaidh na stoirme. “Nach bi an oidhche gharbh i, a Dhomhnuill,” ars’ esan, “Thilg a ghaoth mi ’san dig mhoir, agus tha mi air m’ eabaradh. “’S ann garbh gam bheil i, charaid. Suidh a stigh chum an teine, agus cur dhiot do bhrogan ’s gar do chasan agus tiormaich t-eudach.” Rinn Eoghan mar a dh’iarradh air, agus ’n uair a fhuair e an ordugh, thoisich e fein agus fear an tighe air seanachas mu’n stoirm agus mu oidhchean searbh a chuir an dithis aca seachad comhla, oir b’ iasgairean le cheile iad. Mar sin, chaidh an uine seachad gun fhios dhoibh, gus an d’thug aon srachdadh cruaidh gaoithe air an tigh snagadh os an ceann. “Righ na dilinn,” arsa Domhnul, “cha ’n ann nis fearr a tha i dol. Tha an t-eagal orm gun tog i leatha ceann an tighe. Cha ’n urrainn dhuitsa dhol dhachaidh a nochd, Eoghain. Fanaidh thu far am bheil thu, no ’sann san dig mhoir a bhios do chrannchur agad a ris.” “Tha mi creidsinn gu’m bi e cho maith” ars’ Eoghan, agus b’ ann mar sin a bha. Ghabh iad an sin an suipear agus rinn iad an t-aoradh. Na dheigh sin, chaidh iad uile laidhe, cuid dhiubh chadal, cuid a chaithris, ach iad uile a faireachduin tearuinteachd o’n doinionn a bha seideadh a muigh agus o’n dealanach a bha lasadh suas an tighe stigh, ann a bhi foluichte fuidh na plaideachan, a cheann, a chois, ’sa choluinn. Dh’eirich iad uile moch ’sa mhaduinn le cabhag a dh’ fhaicinn ciod an stroiceadh a rinn an stoirm agus toic na mara. ’N uair a sheall iad a mach, cha robh a lathair do’n eaglais iaruinn ach an steidh chloiche air an robh i togta, agus caigean do na suidheachain ann an oisinn a gharaidh, an corr [TD 138] [Vol. 8. No. 18. p. 2] dhuibh feadh an t-saoghail. Bha mullain Eachuinn Ruaidh nan torran anns na digean agus ga’n iomain an sud ’san so feadh nan croitean agus fir ’ga ’n reis. Bha an gobhain, air cunnart a bheatha, a deanamh a dhichill air a bhi cumail na sgroth air an cheardaich le iaruinn throma leagadh orra; bha an tugha anns na digean agus anns na frogan cian roimhe so. Bha craobh an sud ’s an so na sineadh, a mhachair lan dhuileag, agus upraid anns gach ait. Thug Domhnull agus Eoghan am fasgadh orra gu ceann an tighe, oir bha baigh aca rithe, agus a righ, be sud an sealladh! Gu cian a muigh ’s a chuan, bha builg mhora, mheallach, atmhor, mar gu’m biodh iad a’ bruchdadh suas a tobraichean na doimhne, agus ’nuair a ruigeadh iad an aird a srachdadh ’nam ballachan, geala, caireach, agus an sin, a tearnadh do’n ghrunnd gu eirigh a rithist. Seachad dluth, bha iad a bruchdadh ’nam beanntan liatha, teann an deigh a cheile, mar gu’m biodh iad a cur reis—eich uaine Neptuin air am brosnuchadh le cumhachd Aeoluis—gus am bristeadh iad le gairich chruaidh air na sgeirean daingean am morchuis bhorb ann an cobhar ghoileach. Chum na traighe dluth air laimh, bha suithean sinnteach, tocach, a dian reis agus a bualadh oirre le toirm thairneanach. Bha an cuan gu leir air ghoil mar amhuinn theinntich. Shaoileadh neach gu’n robh e a sgeith le uilbheistean a bha nam feirg ga sputadh na thonnaibh geala agus na mheallan toiceil. Cha do dhearc suil air sealladh a tha nis breagha agus nis cudthromaiche na fairge fhosgailte air bhoile. Tha a neart cho uamhasach, cumhachdach; tha a gluasad cho ardanach, gaisgeil, neo-chumta ri crich sam bith. Tha morachd a h-uabhair glormhor, Tha a farsuingeachd a ruigheachd o’n aird an iar gu ruig an ear, o’n aird a tuath gu ruig a deas. Tha i neo-chaochlaideach ach a mhain air a h-uachdar. Tha i gu h-iomlan saor o chuing—cha’n ’eil maighstir oirre ach Aon. Tha neo chriochnachd a neirt, a meudachd agus a saorsa a tilgeadh uabhair an duine chum an duslaich, agus ga dheanadh crion, suarach na shealladh fein, a deanadh a chridhe nis farsuinge gu bhi beachdachadh air moralachd na Cruitheachd agus a Chruithfhir. Gidheadh, iongantas nan iongantais! bu toil leis an duine an lamh an uachdar fhaotaiun oirre, ach cha ’n fhuiling si e. Crathaidh i chum nan neamh na feirg e, agus adhlaicidh i ann am builsgein a doimhneachdaibh e maille ri chuid long. Neo-striochda, uamhasach, aonaranach, tha i, bha i, bithidh i gu deireadh tim. Mu mheadhon-la, dh’ fhas a ghaoth sgith d’a cluicheachd mhillteach, agus bha ach beag feath ann san fheasgar. Sheall Domhnull chum a chladaich, agus feuch, ged a thuit a ghaoth, bha buaireas agus toic ’sa mhuir an deigh na stoirme, oir bha an doinionn mor, agus a mhuir fosgailte—an Atlantic. Ciod sud a mach air bharr nan tonn? Mo thruaighe bha cuideigin an gabhadh an diugh no an raoir. Se maide mor a tha ann ach tha coslas duine a marcachd air. Nis dluithe agus nis dluithe tha e gluasad gu trom, an drasd air mullach maol stuaidhe, a rithist as an t-sealladh, gidheadh a ghnath a dluthachadh ri tir. Chaochail dreach gnuise Dhomhnuil o bhan gu buidhe, agus thuit soluimteachd air a chridhe agus le fiamh na aghaidh, ghlaodh e ri mhac bu shine. Thainig an t-oganach na ruith; sheall an t-athair agus a’ mac air a cheile car tiota, agus gun smid a labhairt, ghabh iad le cheile a mach air a mhuir an comhail na cuise bhronaich a bha’n so—duine reodhta air sail fhiodha, agus ropa glacta na lamhan ann an greim bais. Am bheil anail ann? Tha; agus phlosg cridheachan an athar agus a mhic, ’nuair a thuig iad gun robh e fathast beo. Thogadh suas e do thigh Dhomhnuill, agus thug am blath, agus deadh charadh agus curam Mairi e air aghaidh ann am beagan tim. ’Nuair a thainig e ga ionnsuidh fein, dh’innis e gu’m b’e sgiobair soithich sheol a bha tighinn a America ’sa dol do Shasunn. Rug an doinoinn air ’sa Chuan-t-siar agus chuibhleadh e le stoirm agus fairge gus mu dheireadh an do bhuail an soitheach air sgeir bhaite mara, anns a mhaduinn, ann na aird’ na stoirme, agus chaidh i do’n ghrunnd. Bhathadh gach anail bheo a bh’ innte ach e fein a mhain. Rinn e greim air an t-sail. Chaidh an naigheachd feadh an eilean mu’n cuairt. Chruinnich an sluaigh chum a chladaich feuch ciod a thachradh riu de chobhartaich. Air maduinn an la maireach nuair thraigh an lan, bha an cladach breac le fiodh slan agus briste, ur agus sean, bocsaichean aodaich agus ioma, baraillean mine, tocsaidean do uileadh agus moran do nithean eile agus sluagh gun aireamh, beag agus mor, sean agus og, firionn agus boirionn nam fallus a deanamh thorran do’n chobhartaich, agus a clamhadh a cheile am measg moran straillich agus upraid. Dhi-chuimhnicheadh na h-anaman a chailleadh aig an am; agus mar gu’n gabhadh a mhuir naire d’a gniomharan, shiolaich i sios gu feath agus ciuine, agus co a shaioleadh air a h-aghaidh mhor, choir, shamhach gun robh i cho doirbh agus cho buaireasach an de! NA BANA-BHAIRD. Cha’n ’eil run oirnn cunntas farsuinn a thoirt air na Bana-Bhaird Ghaidhealach an drasd; is leor leinn ainmean nam feadhainn a’s mo a tha air an aideachadh a chur sios ann an ordugh an deigh a cheile. Is e ar n-iarrtus a leigeadh fhaicinn gu’m bheil mnathan am measg nan Gaidheal cho mhath ri fir air an do bhuilicheadh spiorad na bardachd—ni a dh’fheudas a nochdadh dhuinn gu’n robh o cheann fhada air ais finealtas agus grinneas a’ cliuthachadh sliochd nan Gaidheal. Tha Oisean a’ toirt f’ar comhair ’na bhardachd fein boirionnaich boidheach mar luchd-deanamh agus mar luchd-seinn ciuil is bardachd; ach cha ’n urrainn dhuinn gu h-achdaidh oigh ’s am bith a chomharrachadh a mach a bha ’na bana-bhard anns na laithibh sgaileach ud. Tha moran oran againn a ris, a tha iomadh linn a dh’aois, cuid diubh gun teagamh a chaidh a dheanamh agus a sheinn le mnathan; ach aon chuid air an ainm no air an tuineachadh cha’n fhaigher sgeul. Tha e air a radh gur h-anns an treas linn deug a dheanadh “An Gille Dubh Ciar dubh,” le bana-bhard air nach ’eil ainm againn. A reir coslais is ann le te a rinneadh “Fear a’ Bhata” mar an ceudna; agus cha ’n e cainnt no guth fir a tha againn ann an “Fhir an leadain thlaith.” Is saoilidh mi gun teagamh gur h-i cridhe mna a tha anns an oran ghasda ud, “An Nochd gur faoin mo chadal domh.” Tha moran eile a dh’ fheudadh a bhi air an ainmeachadh—orain a chaill sgeul air am parantan ach a tha air an altrum gu caidreach am measg clann nan Gaidheal. Ainmicheam a nis na bana-bhaird air am bheil tomhas do eolas againn, agus aig am bheil an ainmean an oibrichean nam bard: “Ban-Iarla Earraghaidheil: 15mh linn deug.” Gheibhear cuid d’ a h-obair-sa anns an leabhar luachmhor ud a chuireadh a mach o cheann teann air da fhichead bliadhna—“The Book of the Dean of Lismore,” far am faighear mar an ceudna moran do bhardachd eile. Bha bardachd is litreachas measail am measg nan Gaidheal anns an robh mic righrean cosmhuil ri Oisean, agus ban-iarlachan cosmhuil ri te Earraghaidheil a gabhail tlachd annta. “Mairi Nic Leoid: 16mh linn deug” Cha ’n ’eil a’ bheag nach cuala iomradh air Mairi Nighean Alastair Ruaidh agus air a bardachd. Rinn i aireamh oran, a’ chuid is mo dhiubh mu Chlann-Leoid anns an Eilean Sgiathanach agus anns na Hearadh. Gheibhear na dh’ iarrtadh d’a cuid bardachd anns an t-“Sar-Obair.” “Diorbhail Nic-a-Bhriuthainn: 17mh linn deug.” Cha ’n eil moran do oran Nic-a-Bhriuthainn air an gleidheadh ach “Oran do dh’ Alasdair Mac Colla.” Rugadh i ann an Lunga, eilean Earraghaidhealach. ’Na gne bardachd agus ’na doigh seinn tha i fein agus Mairi Nic-Leoid gle chosmhuil r’a cheile. “Silis Nic Dhonuill: 17mh linn deug.” Rugadh Silis Nighean Mhic Raonaill, mar theirteadh rithe gu cumanta, ann an Lochaber. Mur ’eil i air thoiseach cha ’n ’eil i air deireadh air na bana-bhaird a dh’ ainmich sinn. Tha a roinn ni ’s misle agus ni ’s sleamhuinne na am feadhainnsan. Chuir i ri cheile aireamh mhath do dhan is oran. An deigh bas a’ fir chleachd i a talant a’ deanamh laoidhean. “Caimbeul Bar: 18mh linn deug.” B’e Donnacha Caimbeul a b’ ainm do athair Mhrs. Caimbeul Bar; bha i riamh eadar a’ Mhorairne agus Craignish an Earraghaidheal. Bha ise cosmhuil ris na Caimbeulaich air fad air taobh righ Deorsa, mar a bha Nic a Bhriuthainn is Nic Raonuill air an laimh eile air taobh nan Seumasach. Rinn i oran foghainnteach aon uair an aghaidh a’ “Phrionnsa,” dh’an do rinn Mac Mhaighstir Alastair freagairt, mar bu dugh dha ann an cainnt cho salach ’s nach cualas diog bardail as a ceann air a’ chuispair ud riamh tuilleadh. Cha’n ’eil i cail air deireadh air Mairi Seud no air Nighean Lachuinn ann an comas bardachd. Ann an aon seadh cha’n ’eil coimeas idir eadar i fein agus iadsan; tha farsuineachd breithneachaidh, do bhonn agus do thuigse mhodhannail innte nach ’eil idir r’am faicinn mu’m bardachdsan. Nam biodh na laoidhean a sgriobh i air fuinn a bu thaitniche bhiodh barrachd deigh orra gu coitcheann am measg nan Gaidheal. “Cairistine NicFhearguis; 18mh linn deug.” Rugadh a’ bhana-bhard so ann an Contuinn, an Siorrachd Rois, far an robh a h-athair ’na ghobha. Cha ’n ’eil aon do orain nam bana-bhard a dh’ ainmich sinn a tha cho taitneach ris an aon oran a rinn ise d’ a fear a thuit latha Chuil-fhodair. ’Se doimhneachd a faireachduinn agus am meas ard-anamadail a bha aice air a fear a gheibhear ’na h-oran o thoiseach gu deireadh gach roinn—“Mo run geal og”—a’ giulan leotha moran brigh, agus a nochdadh nan cuspairean cliumhor air an robh inntinn agus cridhe briste na bana-bhaird a’ foiseachadh. ’S e so an t-aon oran is aithne dhuinn a rinn i; ach gleidhidh am fear so fein cuimhne oirre mar bhean Uilleam Siseal, aonarachd chianail a bantrachais a’ dusgadh truais comh-fhaireachduinn anns gach cridhe a thuigeas ciod e bron uasal mna air son fear a graidh a thug am bas uaipe. “Maireard Nic Illeathain; 18mh linn deug.” Rugadh Nic Illeathain am Muile; agus theirteadh gu coitchean rithe Mairearad Ni’n Lachuin. Tha Nighean Ailein air a radh rithe cuideachd; ach tha sinn a’ smuainteachadh gur h-e a’ cheud tiodal am fear ceart. Rinn i so moran do dh’ orain agus do dhain, suas ri deich thar fhichead. Ach a mach o “Ghaoir nam Ban Muileach” cha’n ’eil iad ro ainmeil. Bha na fuinn agus an tomhas ranntachd a ghabh i duilich a thogail no leantuinn. Anns an rathad so cha’n ’eil i fein agus Nic a Bhriuthainn agus [TD 139] [Vol. 8. No. 18. p. 3] Mairi Seud neo-chosmhuil ri cheile. Math no dona agus mar dh’ fheudadh am bardachd a bhi tha e cho mi-shimplidh, agus gu’n robh i ullamh dol a fasan leis a’ ghinealach a thigeadh an deigh nam banabhard. “Catrine Nic Illeathain: 19mh linn deug.” Rugadh a’ bhana-bhard so ann an eilein Chola; agus is ann air son Tighearna Chola a rinn i na h-orain a chunnaic sinn d’ a cuid. Tha a bardachd ni’s taitniche air doigh na te na bana Mhuilich; ach cha ’n ’eil sinn ag radh air a shon sin gu ’n robh barrachd do spiorad na bardachd innte. Duisgidh a h-orain duilichinn ann an inntinn Ghaidhealaich ’sam bith a smuainticheas air na mi-fhortain a chuir Clann-Illeathain a Cola, agus a dh’fhag iad gun oighreachd aon chuid am Muile no an Cola. Cha ’n ’eil ioghnadh ged a bhriseadh cridhe nan Gaidheal an diugh a mach ann am bardachd agus seann fhearann na Feinne ’ga spionadh as an laimh. “Nic a Chleirich: 19mh linn deug.” Fhuair Mrs Clarc aite air nach ’eil i neo-araidh am measg baird dhiadhaidh an Taobh Tuath. Bha na leugh sinn d’a cuid gle thaitneach; ni b’ usa a sheinn na bardachd Mhrs Caimbeul Bar. Tha iad le cheile soisgeulach ’nan laoidhean agus a’ gabhail tlachd anns na h-aon fhirinnean; ach ’nuair a tha Mrs Caimbeul Bar a’ seinn mu’n fhirinn lom tha Mrs Clarc a’ toirt dhuinn barrachd do shugh an fhein fhiosrachaidh Chriosduidh. Tha an dara te a’ riochdachadh faireachduinn shoisgeulaich na Gaidhealtachd mu Thuath ’nuair a tha an te eile a’ riochdachadh teagisg luim soisgeulaich na Gaidhealtachd mu Dheas. “Mairi Nic Ealair: 19mh linn deug.” Cha’n ’eil sinn dol a dheanamh moran iomraidh air Mrs MacKeller oir cha’n ’eil fada o’n a chaochail i. Tha sinn direach a toirt air aghaidh a h-ainm a radh mu deibhinn gu’m bheil i ann an eolas, ann an aiteach inntinn agus ann an cumhachd bardachd air thoiseach air na h-uile do na bana-bhaird eile a dh’ainmich sinn. Dh’ ainmich sinn a nis ann an ordugh na bana-bhaird is aithne dhuinn a tha airidh air an ainm. Ma tha feadhainn ’sam bith ann air an d’ rinn sinn dearmad, agus is aithne do mhuinntir eile bhitheamaid ro thoilichte iad a bhi air an toirt f’ar comhair. Tha iomadh eile ann a dh’ fheudadh sinn a thoirt fainear ach cha ’n ’eil aite againn dhaibh an drasd. ’S iomad oran a tha againn mar an ceudna ann an clo le “Piuthar Fear Scalpa;” le “Nighean Fhir na Relig;” le “Baintighearna Ille Chalum Rasa;” agus o cheann ghoirid le “Baintighearna D’Oyly.” Saoilidh sinn gu bheil e ro chliumhor do “shliochd a’ Ghaidheil ghlais,” agus gu sonruichte do thuigse agus do chiall nam ban Gaidhealach, gu’n robh na h-uiread ’nam measg, a dheanadh bardachd cho glic agus a sheinneadh ceol cho’ grinn. Nam biodh na Gaidheil anns na linnibh a dh’ fhalbh cho fad air deireadh agus a bu mhian le cuid a chumail a mach cha b’ urrainn oighean is mnai ciallach, seadhail, fior-gnethach togail is arach fhaotainn am measg nan gleann, nam beann agus nan eilean. Cha’n fhaighear cail do leithid so do aiteach inntinn am measg mhnathan chinneach bhorba nach d’ thainig fo rian laghan cneasda riamh. Cha’n ’eil sinn ag radh gu’m bheil bardachd dhomhain no fharsuinn ann an orain no ann an dain nam mnathan a dh’ ainmich sinn; ach their sinn gu’m bheil spiorad dian gleusda na bardachd air a thaisbeanadh leo ann an tomhas; agus gur h-ann a tha na rinn iad ro iongantach ’nuair a bheir sinn fainear na suidheachaidhean mi-fhabharach anns an robh iad. Cuiream sios an so mu dheireadh rann no dha “Le te ga Leannan” a leigeas fhaicinn dhuinn an doigh anns an seinneadh na maighdeannan Gaidhealach mu ghaol: “’Sann a thug mi mo ghealladh Do dh’ fhear a’ chuil oir, Suil is miogaiche sealladh, Gruaidh thana mar ros; Do bheul briodalach meachair, Deud mor chailce gun spors, ’S tu ’s modhaire sealladh, ’S is blasd o’n tig pog. “Pog is millse na’n siucar, Aig an fhiuran ur og; Naile chunnaic mi uair thu ’Sann leat nach b’ fhuathach bhi ’m choir; Aig a mheud ’s thug mi ghaol dhut Cha’n fhaod mi bhi beo; A nis o’n threig thu do ghealladh Gur h-e ’m fabhar dhomh foid.” CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN. (Air a leantuinn.) DI-HAOINE. Cha do thachair a bheag na mhor air an latha so is airidh air innse. Chuir a’ Bhan-righ a’ chuid bu mho dheth seachad a’ coiseachd a mach air feadh nam paircean mu thimchioll luchairt an Diuc, agus a’ coimhead cuid de mhaithean arda Alba tha comhnuidh ann an siorramachd Loude (Lothian). Chaidh Prionns’ Albert agus Sir Raibeart Peel a mharcachd ’s a choimhead na duthcha, ’s a ghabhail seallaidh o mhullach Suidhe Artair, ’s o gach aird eile tha ’sa choimhearsnachd. ’San fheasgar, bha cuideachd mhor cruinn aig a’ chuirm a dheasaicheadh sa’ phalais. Air oidhche Dhi-haoine, bha Duneidin uile na shoillse; bha h-uile uinneag s’a bhaile nan lasair le coinnlean, ’s le innleachdan soluis dhe gach gne a b’ urrainn eanchainn a smuaineachadh, mar onoir air fath an solais, teachd na Ban-righ do dh’Albainn. Cha’n ’eil e comasach beachd a thoirt air an t-soillseachadh eibhinn so dhoibh-san nach fac e. Cha ’n fhacas a leithid riamh roimhe an Duneidin. Cha robh ann ach stri co gheibheadh a mach an doigh bu ghreadhnaiche na cheile, gun smaoin air costais. Bha mile mile deich mile lochran, de gach seorsa ’s de gach dath, crochta anns na h-uinneagan. Bha focail agus litrichean soluis r’am faicinn an sud ’s an so, a dh’ fhaodadh neach na ruith a leughadh. Chite gu sonraicht’ an da litir, V. agus A. (’se sin, Victoria agus Albert) air gach aite, le crun rioghail gu loinnreach boilsgeal os an cionn, agus rionnag theinnteach air gach taobh dhiubh. Bha na sraidean co soilleir ris a’ mheadhon-latha; ach b’e an sealladh a chuir iongantas air gach aon, ’s bu mho b’ fhiach fhaicinn an obair-theine o chnoc a’ Chaisteil. Cha’n fhacas an Albainn riamh ni de ’n t-seorsa thug barr oirre! Chite mar gum biodh rionnagan dealrach srad-earballach air an losgadh a beul gunna-mhoir, a’ streap ris na speuran—cuid dhiubh dearg, cuid gorm, ’s cuid uaine; ’s an deigh dhoibh aird nan speur a’ ruigheachd le fuaim mhoir, chite iad a’ tuiteam mar fhras do chlachan dearga loisgeach, a dealradh co soilleir ’s gum faiceadh tu snathad air an lar, ’s am priobadh na sul cha robh iad ann. Cha’n ’eil sinn fad’ am mearachd ’nuair a their sinn gu robh tri cheud mile sluaigh a mach air an oidhche sin, a’ siubhal na sraide; agus cha chualas focal ard as an ceann, ni mo bha tabaid, no misg, no stri ’nam measg—ni bha anabarrach onarach de’n t-sluagh mhor, ’s do’n tir anns na thachair e. DI-SATHARNA. ’Nuair chual a’ Bhan-righ gu robh mor dhoilgheas air daoine nach fac iad i air Diar-daoin, leig i fios gu’n tigeadh i stigh do’n bhaile air Di-sathurne—gu’n rachadh i ’na carbad air a sochdair air feadh Dhuneidin, a choimhead a’ bhaile-mhoir, ’nuair gheibheadh iad cothrom air i fein agus am Prionns’ fhaicinn. Thug an sgeul so anabar solais do gach aon. Ghrad dhi-chuimhnich iad na thachair Diar-daoin, a’s thoisich iad air uidheamachadh trath ’dheanamh airson sealladh ceart dhi fhaotuinn air an latha so. Fada roimh eiridh na greine, bha saoir a’s luchd-ceaird’ eile as an leintean, a’ cur ri cheile aiteachan-suidhe a’s lobhtachan. Cha ’n fhacas a leithid do shluagh riamh ’s a bhruchd a nis a mach o gach aite, ’s a h-uile fear ’s an deise b’ fhearr a bh’ aig air an t-saoghal air a dhruim. Dh’ fhag a’ Bhan-righ ’s a cuideachd Dailche air deich uairean sa’ mhaduinn. Ged nach robh an latha grianach, bha e tioram. Rainig i luchairt aosmhor Holyrood, tigh-comhnuidh a sinnsirean arda, air leth-uair an deigh aon-uair-deug. Bha i ann an carbad ur rioghail, air a tharruing le ceithir steudan aille donn; agus i fein air a h-eideadh ann an deise co riomhach ’s a chaidh riamh air druim—gun do bhreacan rioghail na Stiubhartach, do shioda luachmhor—boineid gheal shioda, le ite bhoidheach gheal na h-ostrich air a suaineadh mu ’n cuairt di—agus earrasaid eireachdail a rinneadh ann an Albainn mu guailibh. Bha ’m Phrionnsa na shuidhe r’a taobh, air a laimh chli. Tharruing luchd nam bogha-saigheid suas ri taobh a’ charbaid, mar a freiceadan rioghail, ’s eachraidh nan deigh. Ghabh a’ chuideachd suas sraid ris an canar an Canongate, air an aghart troimh ’n t-Sraid Aird, dh’ ionnsuidh a’ Chaisteil. Bha iomad carbad maiseach ’na deigh, lan do dh’ard uaislean na tire. Cha chualas riamh leithid do ghaoir ’s a thog am mor-sluagh air gach taobh, ’s a Bhan-righ an drasd ’s a rithis ’ga cromadh fein, mar gu ’n abradh i, “Tha mi ’nar comain.” Bha ait’ araid air a thogail mar lobhta, air an robh ceithir cheud caileag og, a h-uile aon ann an trusgan geal, nan suidhe le basgaidean beaga ’nan lamhan, lan do bhlaithean urar aille. ’Nuair bha Bhan-righ a’ dol seachad fodhpa, thog na caileagan laoghach iolach ard le’n uile chumhachd, a’ tilgeadh am blaithean ’san adhar, mar fhailte; a bha do reir choslais taitneach do Victoria, a rinn gaire cairdeis, ’s a dh’ aidich an fhailte le mor thoileachadh. ’Nuair rainig i ’Chrois, bha ’m Prothaist agus na Baillidhean, mar bu choir dhoibh bhi o thoiseach, ’nan aiteachan fein, le iuchraichean a’ bhaile. So far an robh domhladas an t-sluaigh! Thainig na Gaidheil, fo cheannas oighre Mhic-Cailean Mhoir, a nis an sealladh. Tiota beag nan deigh, chunn’cas an carbad rioghail. Stad a nis an carbad ’s a’ chuideachd mhoralach a lean. Labhair am Prothaist gu math foirmeal. Dh’ fhailtich e Bhan-righ. Thug e dhi iuchraichean a bhaile; agus an deigh an laimhseachadh, phill i air an ais iad thuige fein; ag radh nach b’ urrainn iad a bhi ann an lamhan ni b’ fhearr; a’s thug i taing dha airson a dhilseachd agus a choimhneis. Ghluais i ’nis air a h-aghart dh’ ionnsuidh a’ Chaisteil, a chuir failte oirre le gunna-mor thar fhichead a losgadh, agus bratach dhearg Bhreatuinn a thogail an airde. ’Nuair rainig i ’n geata, thainig i mach as a’ charbad a’s choisich i; ’s ged bha brogan co tana ri paipeir, cha do chuir i umhail air a chabhsair bhog fhliuch. Dhirich i gu aotram uallach, ’s cha do leig i anail gus an d’ rinn i ’mach barr-bhalla an duin. Bha iomadh do dh’ uaislean arda maille rithe. Chaidh i o aite gu h-aite, a’ cur cheistean do thaobh sud, ’s do thaobh so; air uairean a’ taic air gairdean Phrionns Albert, agus air uair eile ’coiseachd (Air a leantuinn air taobh 142.) [TD 140] [Vol. 8. No. 18. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, NOBHEMBER 10, 1899. Tha sinn a smaoineachadh gu bheil cuid de phaipearan ’s de dhaoine Shidni a dheanamh tuilleadh ’sa choir de dh’ uaill a fas a bhaile; cluinnear gu tric a bhi ’g radh “caithir Shidni” ris, agus ainmean fuaimneach eile a bha sinn an duil roimhe so nach robh air an cleachdadh an aite sam bith ach ann an cearnan an iar dheas nan Staidean. ’S fhearr dhuinn deanamh air an socair; leigeamaid leis a bhaile fas gu nadurra, agus ’nuair a bhios e airidh air an ainm caithir abramaid caithir ris. Le bhi ’ga radh ris nuair nach eil ann, air a chuid a’s motha, ach mu choig no sia mile sluaigh, cha bhi sinn ach a deanamh cuis-bhurt dhinn fein, agus is fhearr dhuinn sgur dheth. Ma dh’ fhasas am baile cho mor ’s gu’m bi e na chaithir, bidh uine gu leor air a bhi ’ga ainmeachadh mar sin, agus mur fas bidh sin ’na chall na ’s motha dhuinn na dith an ainme. Bha Mod bliadhnail a Chomuinn Ghaidhealaich air a chumail ann an Dun-Eideann air a choigeamh latha de dh’October, agus bha e ’na chruinneachadh gasda; bha aireamh mhor cruinn, agus chaidh gach ni air adhart gu reidh, ordail. B’e fear-na-cathrach Sir Raibeart Menzies, Bart, an ceann-cinnidh Gaidhealach a’s sine tha ’n Albainn. Bha aireamh mhor dhuaisean air an toirt seachad air son leughadh, seinn, agus sgriobhadh Gailig. Bha co-sheirm Ghailig ann air an fheasgar, agus bha ’n talla mhor anns an robh iad loma lan sluaigh. Bha an t-seinn anabarrach math. Tha am Mod an deigh feum mor a dheanamh am measg nan Gaidheal ann a bhi dusgadh suas ’nam measg gradh d’ an cainnt mhathaireil fhein nach robh aig moran dhiubh roimhe. Air a cheud taobh dhe’n aireamh so dhe’n MHAC-TALLA gheibhear am paipear a choisinn an darna duais a b’airde aig a Mhod, “Stoirm ’s na h-Eileana Gaidhealach.” LITIR A ONTARIO. FHIR-DEASACHADH,—Tha e air a radh an rud ’s an deid dail gu’n teid dearmad, agus tha am facal sin cho fior ’sa tha e air a radh. ’S fhada o’n a bha mi dol a sgriobhadh, agus bha mi cur dail ann o am gu am, gus an so; ach air an oidhche nochd, bhuail spiorad an dleasanais mi, a cur na ceist rium cuin a sgriobh mi mu dheireadh a dh’ ionnsuidh a MHAC-TALLA. Mo naire, cha b’urrainn mi ’cheist a fhreagairt, agus mar a bhios an neach a bhios ciontach daonnan, cha robh agam ach fantuinn am thosd. Ach cha’n eil e tuilleadh us anmoch fhathast air son pilltinn a chum math a dheanamh. Dh’ fhalbh an samhradh ’s am foghar o’n sgriobh mi mu dheireadh. Tha nis a choille air a rusgadh agus a coimhead mar gheugaibh neo-thorach; tha an duilleach uaine bha gan deanamh maiseach re an t-samhraidh air tuiteam a dh’ ionnsuidh an lair. Tha am fogharadh a cur ’nar cuimhne beatha an duine; ’nuair a tha e og, tha e mar an craobhan fo bhlath, gach maise ri fhaicinn air, an t-oganach le fhalt cuaileagach, agus a mhaighdeann og le gruaidhean mar an ros. Ach mo thruaighe, gu de a chi sinn a nis? folt cuaileagach an oganaich air tuiteam sios mar rinn na duilleagan bhar nan craobh, agus na gruaidhean boidheach aig a mhaighdinn oig, tha iad a nis air fas preasach, oir dh’fhalbh maise agus ailleachd a h-oige mar rinn maise an t-samhraidh, agus a nise tha stoirmean fuara na h-aoise a teachd dluth oirre mar tha fuachd a gheamhraidh an deigh an fhogharaidh. Tha gach comharradh air sin ri fhaicinn; tha an ceann a fas mall, tha an t-suil bhiorach a nise air fas dorcha, agus feumaidh i bhi cosg ghloineachan; tha gach ni dhe so a teagasg duinn gu bheil tri trianan de’r beatha air a dhol seachad, agus gu bheil an duine a nis ’sa cheathramh ceathramh de bheatha, agus nach bi an uine fada gus an tig crioch air a bhliadhnachan. Mar sin tha an duine; cha bhi fad a nis gus an tig crioch air a laithean. Bha fad mios September car fuar agus tioram; bha frasan sneachda an so o cheann mios air ais. Tha gach duine a nis a deanamh deiseil air son a gheamhraidh. Tha am bualadh gu bhi reidh, agus tha daoine am bitheantas toilichte le toradh na bliadhna; tha pailteas do dhuine ’s do dh’ainmhidh ’san aite, agus tha bhliadhna gus a bhi air a dunadh le maise agus pailteas. Tha cuid ’nar measg a tha fulang le tinneas, agus tha cuid a caoidh chairdean a chaidh a thoirt air falbh leis a bhas. Tha cuid mhor ’nar measg nach do chuir feum air cungaidhean-leighis riamh. Mar a chuala mi Dughall Mac Gilleain ag radh o chionn ghoirid, ged tha e far an tri fichead bliadhna ’sa deich, nach d’ thug e dolair do dhotair riamh. Nam biodh a h-uile duine cho slan ri Dughall dh’fhaodadh na dotairean bochd toll a chladhach dhaibh fein agus dol ann an coinneamh an cinn, agus iad fhein amhlacadh beo slan mar tha iad. Ach ’se chuis is miosa do dhaoine gu bheil iad air an cumail air an t-siubhal a h-uile latha. Tha dithis dhiubh againn ’sa bhaile bheag so, agus iad a deanamh am beolaind gu math. Ach mar a chuala mi seann eucorach ag radh mu na mnathan—cha’n ’eil fhios nach bu bhaitsealar e-fhein—is uilc fheumail iad; tha na dotairean gu math feumail an am feuma. Fhuair mi litir o bhana-charaid dhomh an Eilean Phictou, agus faodaidh mi innse dhi gu’n d’fhuair an caraid air son an robh i feorach am bas air an t-samhradh so. Bha coinneamh aig na Reformers ann am baile Durham air an latha ’n diugh, a deanamh deiseil air son an ath thaghaidh. Chunnaic mi Iain S. Mac Ille-dhuibh anns a bhaile so la no dha air ais. Tha e ’na chleireach na comhairle ann an Gleanneilg o chionn sia bliadhna deug, agus an rud nach teid an ceann Iain, cha ruigear a leas a dhol ’ga iarraidh an ceann neach sam bith eile. Chi mi gu bheil e gabhail a MHAC-TALLA fhathast, ach cha’n fhaca mi ni sam bith o’n pheann aige riamh ged is math a theid aige air Gailig a sgriobhadh. Tha mi ’n dochas gu’n cluinnear uaithe an uine ghoirid, agus mar an ceudna o aireamh mhor eile a dh’fhaodadh sgriobhadh. Cha’n eil fhios agam car son nach eil tuilleadh a sgriobhadh. Sguiridh mi fhein an drasda air eagal gu sgithich mi deagh fhoighidinn an fhir-deasachaidh ’san luchd-leughaidh. Cluinnidh tu uam a rithist an uine gun bhi fada. Is mi do charaid, IAIN MAC GILLEASBUIG. Priceville, Oct. 28, 1899. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Seacaidean Cotaichean Deiseachan Deante DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN. Curraichdean Ceannabharan Deiseachan Miotagan DO ’N CHLOINN. AIG J. C. MILLS, SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. [TD 141] [Vol. 8. No. 18. p. 5] NAIGHEACHDAN. O’n thoisich an cogadh eadar na Staidean agus an Spainn, chaill 6,395 de na saighdearan Geancach am beatha, a bharrachd air 424 de na h-oifigich. Cha deachaidh a mharbhadh ann am blar dhuibh sin ach 33 oifigeach agus 458 saighdear; chaill a chuid mhor de chach am beatha le tinneasan, sgiorraidhean, agus leontaibh; barrachd le tinneasan ’sa chailleadh air doigh sam bith eile. Tha an t-Urr. Domhnull C. Mac Leoid, ministear og a mhuinntir Cheap Breatunn, an deigh gairm fhaotainn o eaglais ann am baile Washington, D. C, air an robh Dr. Talmage ’na mhinistear aireamh bhliadhnaichean. Tha Mr. Mac Leoid ann am Meadville, Pa., o chionn bliadhna gu leth, agus tha e anns an uine sin an deigh deagh ainm a chosnadh dha fhein mar shearmonaiche. Tha ’n t-Admiral Dewey a dol a phosadh; ’si ’n te fhortanach bantrach Uilleam B. Hazen, fear aig an robh dreuchd ard an arm nan Staidean, agus a chaochail o chionn deich bliadhna. Mu’n do phos i an toiseach b’ ainm dhi Milread Nic Gilleain, ni a tha ’g innse gur ann de shiol nan Gaidheal i. Tha brathair dhi, Iain R. Mac Gilleain a ruith air son a bhi ’na riaghladair an Ohio. Cha’n eil teagamh nach eil Dewey airidh air deagh bhean. B’ abhaist e bhi na ni iongantach leinn anns a bhaile so an carbad-iaruinn a bhi anamoch da oidhche ’san aon seachdain, ach air a gheamhradh so ’s ann a chuireas e ioghnadh oirnn e thigh’nn aig an am cheart bhar aon oidhche ’san t-seachdain. Cha mhor gu bheil oidhche nach eil e anamoch. Feumaidh luchd-riaghladh an rathad atharrachadh a dheanamh an uine ghoirid airneo cha bhi daoine ’sa cheann so dhe’n duthaich gle bhuidheach dhiubh. Cha’n eil fior mhoran ri aithris mu chogadh an Transvaal air an t-seachdain so. Tha aireamh mhor shaighdearan Breatunnach air an turus, ach gus an ruig iad sin criochan an Transvaal cha bhi duil ri buaidh mhor sam bith, oir tha na Boers ro laidir air son na tha anns an duthaich dhiubh an drasda. Ach tha iad ’g an cumail air ais gu math, agus ’gan lagachadh gach latha, agus tha dochas laidir air altrum gu’n teid aca air seasamh gus an ruig cuideachadh iad. An uair sin, bidh duil ri buaidh a bhi leis na Breatunnaich, agus ri cumhachd nam Boers a bhi air a bhristeadh gu buileach. Tha Sir Redvers Buller, a tha gu bhi’na ceannard air an arm Bhreatunnach anns an Transvaal a nise teannadh dluth air criochan na duthcha sin, agus cha’n fhada gus an bi a chuid airm aige ’s am bi e aig obair. Thug e leis a bhratach cheudna bh’aige anns an duthaich sin ’sa bhliadhna 1881. Bha duil aige an uair sin gu’m biodh cothrom aige a crochadh ri crann ann am Pretoria mu’n tilleadh e, ach chaidh sin ’na aghaidh. Tha e cur roimhe co-dhiu gu’n dean e air an turus so na dh’fhairtlich air a dheanamh roimhe. Tha “lamh fhada agus cead a sineadh” air a toirt dha le riaghladh Bhreatunn agus cha’n eil teagamh nach dean e deagh fheum dhe’n chothrom sin. Rainig gille beag Frangach Sidni Di-haoine s’a chaidh ’s e air coiseachadh a h-uile ceum a Halifacs. Tha e nise ’g obair aig a chuideachd iarruinn, a tarruinn uisge do’n luchd-obrach. Cha d’rinn e ach tighinn a mach as an Fhraing o chionn ghoirid, agus cha’n eil ach gann facal Beurl’ aige. Chaidh gach ni a bhuineadh do chuideachd iaruinn Londonderry a reic an la roimhe air $153,000, pris a thatar a meas anabarrach iseal. Bha a chuideachd so a cur air adhart obair mhor aon uair, ach o chionn bhliadhnaichean air ais, bha ’n obair ’na tamh. Tha muinntir an aite ’n dochas gu bheil a chuideachd ur a dol ’ga cur air obair le neart a rithist. Eadar Libherpool us Bridgewater, N. S., chaidh am posta stad an oidhche roimhe le da robair, agus an deigh dhaibh a cheangal, thug iad air da fhear-turuis a bha aige ’na bha dh’ airgead air an siubhal—fichead dolair—a liobhraigeadh dhaibh. Leig iad as an sin iad gun an corr dragha chur orra. Tha ’n t-am aig luchd-ceartais feuchainn ri greim a dheanamh air na robairean ud; cha bhi an duthaich sabhailte ’san leithidean ma sgaoil. Gheibhear anns an aireamh so dhe’n MHAC-TALLA dealbh Phoil Chruger, duine air am bheil iomradh am beul gach duine anns na h-amannan so. Tha romhainn a bhi toirt seachad o sheachdain gu seachdain dealbhan dhaoine iomraiteach an t-saoghail, ni, tha sinn an duil, nach mi-chord ri ar leughadairean, oir tha e nadurra do’n duine bhi na’s riaraichte le ni no neach mu’m bi e leughadh ma bhios fhios aige gu de ’n coltas ni no duine th’ ann. Tha Ailein Mac Gilleain, ann a Halifacs, an deigh a dha dheug de luchd-gabhail ura fhaotainn do’n MHAC-TALLA, o thoiseach an t-samhraidh, agus cha’n eil e dol a sgur le sin. Tha e mar an ceudna a teagasg leughadh Gailig a nasguidh do neach sam bith a thogras tighinn g’a ionnsuidh. Tha dithis air toiseachadh cheana, agus cha’n eil teagamh, ’nuair a thig na h-oidhcheannan fada geamhraidh, nach gabh moran eile ri dheagh thairgse. Sin agaibh duine tha deonach barrachd us bruidhinn a dheanamh os leith cainnt a dhuthcha. Tha sinn aig an am so a cur a mach chunntas gu muinntir a tha bheag no mhor air deireadh ann am paigheadh, agus faodaidh sinn a radh gu bheil sinn gu mor an comain cuid dhiubh air son cho luath ’sa fhreagair iad sinn. Tha so a toirt toileachaidh mor dhuiun, oir tha e nochdadh gu bheil na fior Ghaidheil deiseil gus an dleasanas a dheanamh do’n phaipear a tha cumail suas an canain. Tha sinn an dochas gun dean ar leughadairean uile cho math riuthasan o’n cuala sinn o’n thoisich sinn air cur a mach nan cunntas. Bidh ainmean na muinntir a phaigh anns an ath aireamh. Cha’n eil rum againn dhaibh air an t-seachdain so. BAS. —Aig Long Beach, am Port Morien, air October a 31, Mairi, bean ghradhach Chaluim Mhic Fhearghais, 67 bliadhna dh’ aois. Thainig am bas gle aithghearr oirre. Dh’ fhag i companach aosda agus teaghlach mor gu bhi caoidh call ceile agus mathair ghaolach. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan. Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean. Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries. THA AR PRISEAN GLE ISEAL. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRU DHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. Cotaichean Mackintosh, Ulsters, Cotaichean Uachdair, Reefers, Coon, Dogskin & Wambat. AIG J. C. Mills, Sidni, C. B. GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. [TD 142] [Vol. 8. No. 18. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 139.) air a casan beaga fein, leatha fein, ’s a’ labhairt ris gach neach a thigeadh ’na rathad. ’Nuair rainig i fior mhullach a’ Chaistell, ’s a sheas i air a bhinnein a dh’ fhaotuinn sealladh farsuing air an duthaich, tha e air a radh gu’n aidich i nach fac’ i riamh sealladh a b’ aille! Bha i nis mar eala-bhain gu h-ard eadar an sluagh agus na speuran. Chunnaic i foidhpe da cheud mile sluaigh air a char bu lugha, a thog mar aon duine gair no iolach nach cualas riamh a leithid ’san tir so ’s a theagamh nach cluinn, nuair chunnaic iad i an airde. Chaidh i nis a stigh do ’n t-seomar ’sam bheil seann chrun righre agus ban-righ’nne Albainn—an t-slat rioghail oir—an claidheamh mor da-laimhe a b’ abhaist a bhi air a ghiulan roimh righrean Alba; agus an deigh dhi beachd a ghabhail air na nithe so agus iomadh ni eile tha sa’ chaisteal aosmhor so, theirinn i. Chaidh i stigh d’a carbad, agus ghabh i sios taobh siar a’ bhaile, troimh na sraidean is eireachdaile agus is farsuinge ’theagamh tha air uachdar an t-saoghail. Lean i fein ’s na maithean air an aghaidh o shraid gu sraid. Thaghail i aig tigh Morfhear Rosebery, fior Albannach, a leigeadh a h-analach; ’s cha b’ ioghnach ged robh i sgith. Dhealaich muinntir Dhuneidin rithe an so. Thuit an t-uisge na dhile thruim; ach ged thuit, mar philleadh aon sluagh, choinnich sluagh eile i. Ghabh i air a h-aghart gu Lite, far na choinnich Prothaist agus Baillidhean a’ bhaile mhoir sin i le meodhail agus mor ghreadhnachas; agus as a sin chaidh i air a h-aghart gu Dailche, a rainig i mu aird an fheasgair, agus deich mile beannachd ’na cois. LATHA NA SABAID. Chaidh searmoin a shearmonachadh air an latha so ann an seomar mor ann am palais an Diuc ann an Dailche le ministear de’n Eaglais Shasunnaich, an lathair na Ban-righ, maille riusan a bhuineadh do Eaglais an Easbuig. Tha moran a’ gearan nach deach i do eaglais na sgireachd an sin, airneo nach d’ thainig i dh’ eisdeachd a h-aon do mhinisteiran Eaglais na h-Alba ’n Duneidin. ’Nis, gun moran a radh uime so, nach robh e ceart gu ’n deanadh i aoradh do Dhia a reir cleachdadh na h-eaglais anns na thogadh i, agus d’am buin i? ’S nach b’ fhearr gu mor i dh’ fhuireach gu samhach aig a tigh fein air la an Tighearn’, na tighinn do Dhuneidin le sluagh mor as a deigh—ni a thairneadh miltean a stigh do ’n bhaile, agus a bhiodh na chulaidh-bhuairidh do mhoran latha naomh an Tighearn’ a’ bhriseadh? Nan rachadh a Ban-righ air an latha sin do Dhuneidin, do’n Eaglais Aird gu h-araidh, rachadh na miltean a Glaschu fein chum sealladh fhaotuinn dhi. ’Nar barail fein, rinn i an ni a b’fhearr agus ar leinn gur truagh an rud nach tugadh daoine do’n Bhan-righ ni tha i fein a’ toirt do gach bochd agus nochd ’san tir.—’se sin, comas aoradh a thoirt do Dhia anns an eaglais is miann leatha. Stad i gu samhach air an latha sin far an robh i, agus uime sin chaidh latha naomh na Sabaid a chaitheamh an Duneidin direach mar a b’ abhaist; ach tha sinn lan fhiosrach nan tigeadh a’ Bhan-righ do Dhuneidin a dh’ eisdeachd searmoin a cheud uair a bha i ’n Albainn, le othail, ’s le upraid, ’s le gleadhraich—le saighead-fheara, ’s le eachraidh—gur iadsan is mo tha gearan a nis a b’ airde ’thogadh an guth na h-aghaidh. DI-LUAIN. Cha b’e so an latha bu ghrianaiche de na laithean. Bu mhiann leis a’ Bhan-righ maithean agus uaislean na tire fhaicinn ’na lathair, aon seach aon, ann an Dailche; oir cha robh e ’na comas an coinneachadh ann am palais Holyrood, a chionn gu’n robh fiabhras ann. Cha robh carbad an Duneidin nach robh air fhastadh air an latha so chum a’ chuideachd a ghiulan a mach. Ged nach robh an t-astar ach mar sheachd mile, cha robh e comasach carbad fhaotuinn a ghiulaineadh ceathrar fo ceithir puinnd Shasunnach! Thoisich a’ chuideachd air Duneidin fhagail mu deich uairean sa’ mhaduinn, ged nach robh geatachan luchairt Dailche gu bhi air am fosgladh gu aon uair an deigh mheadhon-latha. Chaidh eadar ceithir agus cuig ceud carbad a stigh air an aon chachlaidh. Bha tri mile do dh’ astar eadar a cheud charbad ’s an carbad ma dheireadh, ’s iad cho dluth air a cheile ’s a’ b’urraiun doibh seasamh! Iadsan a bha lathair air an latha so, cha di-chuimhnich iad an sealladh an da latha so. Cha’n ’eil e comasach cunntas mion a thoirt air. Bha ailleadh ’us eireachdas, riomhadh ’us uaisle na tire, air faiche mhor a’ chaisteal air an latha suilbhire so. Bha eadar da agus tri mile ’fhuair a stigh, ’s a chunnaic a’ Ban-righ; agus fhuair corr us da-cheud-deug a dh’onoir cul a laimhe ’phogadh. Chaidh gach cuideachd, mar rainig iad an dorus-beoil, a stigh. Dhirich iad suas an staidhir mhor, ’s uaislean nam bogha-saighead air gach taobh dhiubh, air freacadan—a’ Bhan-righ am meadhon seomair mhoir luchairt Dailche—a’ chathair rioghail air a culaobh, le crun agus an t-slat oir oirre—Albert air a laimh chli, agus flaithean mor na tire mu thimchioll. Bha cairt no paipeir aig gach aon a chaidh stigh ’na laimh, air an robh ’ainm a’s ’inbhe sgriobhta, maille ri ainm a’ mhorfhear a bha eolach air; agus thug e so do neach a bha dluth do ’n Bhan-righ, a leugh ’ainm a mach gu follaiseach an lathair na cuideachd; agus an sin dh’iarradh air a ghlun a lubadh, agus pog a thoirt do lamh na Ban-righ. Shin ise ’mach a lamh dheas—’s be sin an lamh gheal, bheag, bhoidheach, a’s faineachan luachmhor a’ dearsadh le seudan priseil air gach meur. Lub an neach a bha air ainmeachadh a ghlun dheas—ghlac e lamh—thog e gu ’bheul i—dh’ fhalbh e gu h-athaiseach—chrom e cheann, a’ deanamh umhlachd dhi, agus mar an ceudna do Prionns’ Albert. Dh’ fhalbh e ’n sin air aghaidh gu stolda, gus an robh e mach as a lathair air dorus eile. Rinn na baintighearnan an ni ceudna. Bha coisri-chiuil a’ cuir dhiubh—brataichean a’ snamh air ficheadan crann—carbada riomhach co fad ’s a b’ urrainn an t-suil fhaicinn—’s maithean ’us uaislean na h-Alba ann an eideadh-cuirte; ’se sin cota dubh cruinn-sgiortach, le broilleach singilte—briogais ghoirid, le bucalan an ait a ghartain—stocainean sioda, brogan bucalach, agus ad thri-chearnach. Fear air bith air an robh “An t-eile preasach, deis, mo ruin, Osan nach ruig fad o’n ghluin, Cota breac nam basa dluth, ’S a’ bhoineid dhu-ghorm thogarrach,” cha robh tuilleadh air iarraidh airsan. ’Si so deise-chuirte rioghail a’ Ghaidheil, agus cha bheag an t-eireachdas anns gach ait’ i! Bha na marc-eich mheamnach a’ gearradh shurdag air an reithlein, na trombaidean a’ seideadh, ’s na h-uile ni bu shuilbhir ’s bu ghreadhnaich’ na cheile. ’S gann gu ’n aithnicheadh neach fear-eolais, leis an eideadh riomhach a bha orra, co eu-coltach ris an aodach tha daoine am bitheantas a’ caitheamh—bucail airgid ’us oir—claidhmhnean air an leis—stocainean sioda air iomad lurga chaoil, cham, a b’fhearr a cleth. ’Nuair bheachdaich sinn air cuid dhiubh, thainig an t-oran ’nar cuimhne— “Tha biodag air Mac-Thomais, Tha biodag air Mac-Thomais, Tha biodag air Mac-Thomais, Gur math gum foghnadh sgian dha! Tha biodag air a’ gliogarsaich, Os-cionn bann na briogaise; Nam faiceadh e mar thigeadh i, Gur math gum foghnadh sgian dha! Tha bucaile ’na bhrogan, Tha bucaile ’na bhrogan, Tha bucaile ’na bhrogan; Gur math gum foghnadh ial dhi!” &c., &c. Chaidh an latha ghreadhnach so seachad, agus phill a’ chuideachd dhachaidh; agus gu dearbh cha b’ioghnadh ged robh a’ Bhan-righ og sgith. (Ri leantuinn.) NAIGHEACHD BHEAG GHAOIL. Bha moran odhail an tigh Chalum Ruaidh air feasgar araidh. Bha suil ris an aona mhac dachaidh an deigh da bhith se miosan ann an Oilthigh Ghlaschu. Bha ’athair a smaoineachadh nach robh mac riamh aig fear ach e fein. Ge b’e seanachas ris an toisicheadh e bhiodh e cinnteach gun sguireadh e a molladh Uistean—b’e sin ainm a mhic. Cha robh Seonaid, mathair a ghille, cho bosdail a Uistean ’sa bha am bodach, agus mar so ’s tric a chuireadh an t-seann charaid a mach air a cheile mu am mac. Bha Uistean na ghille sgairteil eireachdail, mu she troidhean a dh’ airde, agus direach eallamh air a chasan, agus cuimte dealbhach ann am bodhaig. “Sid a fear a bhualas a’ chubaid, a Sheonaid,” arsa Calum ri bhean. “Cha deach e innte fhathast,” arsa Seonaid. “Mar a deach’ theid,” arsa Calum. “S cha’n ’eil aon a chluinneas e nach iarr a chluinntinn a rithist.” “Bithidh e trath gu leor a mholladh an uair sin fein,” arsa Seonaid. Ge b’e de theireadh a chailleach bhiodh am bodach a boilich. “Cha ’n eil nighean og ’san duthaich nach bi an deidh air,” ars am bodach. “Cha ’n eil fios agad nach cuir sin gu h-olc ris,” ars a bhean. “Cha’n eagal da,” ars’ an seann duine. “Chi sinn, chi sinn,” arsa Seonaid. Nochd Uistean a steach ann na facail, agus sguir an connsachadh eadar athair ’sa mhathair. “Tha mi faighean sgoil ’san t-samhradh air a’ Chlachan,” ars Uistean, “agus bithidh mi falbh an sin an uine ghoirid.” “Tha sinn ro thoilichte,” ars’ athair, “agus tha sinn cinnteach gun dean thu maighstir-sgoile math.” Sheall a bhean air Calum fo a suil ann an rathad achmhasan agus thubhairt i, “Thoir thusa an aire duit fein ’s do d’ obair, agus cha’n eagal duit gu’n teagamh.” “Bithidh an Clachan na aite math air son mi bhith ag ionnsachadh air son m’ obair san Oilthigh ’sa Gheamhradh,” ars’ Uistean, agus e smuaineachadh gur e a dheanadh an obair ’nuair a ruigeadh e ’n Clachan, ach mar a thubhairt am bard Albannach, anns na rannan a rinn e do ’n luchaig, is ann mar sin a thachair do Uistean— “Ach a luchag cha’n e thusa h-aon, Do’m faod roi-shealladh dearbhadh faoin; ’S tric bha dochas luch ’us dhaoin’ A riamh gun sta, ’San aite suil ri nithe caoin ’S ann fhuair iad cradh.” “Sealbh gu robh leat mata a mhic,” ars’ a mhathair. “Cha ’eil curam da,” ars’ athair, “agus theid Pegi bheag a phiuthar leis, a chumail taighe da.” Air a cheud latha do’n t-samhradh bha Uistean aig a dhreuchd, agus Pegi bheag a phiuthar leis. Bha Pegi na caileag ghrinn mhodhail fhinealta. Bha meas mor aig muinntir a’ Chlachain orra le cheile. Bha Mairi, nighean a’ ghobhainn, na bana-chompanach aig Pegi. Is gann a bha iad a deallachadh o cheile. Bha Mairi na caileag ro shuairce, sgiamhach, agus banail air na h-uile doigh, ach bha i anabarrach socharach. Feumar aideachadh gu robh Uistean an uine nach robh fada an gaol trom air Mairi, ach so cha’n innseadh e do duine air thalamh [TD 143] [Vol. 8. No. 18. p. 7] agus rinn so an gnothuch na bu mhiosa da. Mu dheireadh cha b’ urrainn da sealtainn air leabhar. B’ fhearr leis gu mor a bhith far am biodh Pegi ’us Mairi, agus an uair a bhiodh e leis fein ’s ann a bhiodh e deanamh duanag oran do Mhairi. ’Nuair nach b’ urrainn da na facail fhaighinn an glacaibh a cheile sheinneadh e rann freagrach di a oran eile, mar so— “A Mhairi bhoidheach, ’sa Mhairi ghaolach, A Mhairi bhoidheach, gur mor mo ghaol ort, A Mhairi bhoidheach gur tu a chlaoidh mi ’Sa dh’ fhag mi bronach gun doigh air d’fhaotainn.” Air feasgar araidh thainig Pegi a steach do’n t-seombar far an robh a brathair, agus thubhairt e gu ’n robh Mairi a tighinn. Thainig rughadh an gruaidhean Uistean. Bha gu leor ainm Mairi a chluinntinn agus bhuaileadh a chridhe ’Se ni bu mho bha cur air nach robh i sealltainn gu robh meas aice air. B’e a bheachdsan nach robh toil idir aice dha, ach bha e fada cearr mar a chi sinn an deigh so. Sheap Uistean a mach as an tigh ’nuair a thainig Mairi a steach air eagal gu mothuicheadh na caileagan cho dearg ’sa bha aodann. Chunnaic Mairi e a falbh, agus smuainich i gur e teicheadh uaipsa a rinn e. Leon so i. De a nis a dheanadh ise. Thuit a cridhe, agus chaochail a snuadh ’nuair a rinn na smaointean greim oirre. Bha i fein is Uistean tinn leis an aon ghalar, ach mo thruaighe bha iad aineolach le cheile gur h-ann mar so a bha. Dheanadh aon fhacal le cheile an leigheas, ach cha d’ fhuair iad cothrom air a labhairt; ma fhuair cha do ghabh iad e ann an am. Chaidh an dithis chaileag a mach do ’n gharadh agus shuidh iad fo chraoibh ann an oisean an lios. Bha Uistean na sineadh air tullach beag os an cionn ach cha do mhothuich iad da. “Cia mar a chordadh e riut, a Mhairi a bhi cumail tigh le mo bhrathair nam aite fein?” arsa Pegi, mar aon obair air son an te eile a chur ann am breislich, oir bha fios aice cho socharach sa bha i. Thionndaidh Mairi agus chuir i a lamh air beul Pegi agus thubhairt i, “An ann a dol as do riaghailt tha thu. Cha tig mi tulleadh ga d’ fhaicinn an so. Sin agad air son do theangaidh chabaich.” Rinn so an gnothuich le Uistean; cho-dhuin e nach do thaitinn comhradh Pegi ri Mairi. De a nis dhasan Oilthigh? De dhasan an saoghal gun Mhairi? Thainig am dol do Ghlaschu ’s bha Uistean gun ullachadh a dheanamh. Cha leigeadh a naire da dol air adhart. ’S ann a runaich e gun reachadh e do America, far nach cuireadh gaol Mairi gruaim air, agus so rinn e. Bha Mairi air an laimh eile cho bronach ris fein. Cha robh oigear ’san duthaich a choisneadh a cridhe. Thug i seachad e mar tha, agus cha robh an cor aice ri thoirt. ’Stric a sheinneadh i rann di fein mar so— “Cha tog fidheal ’s cha tog oran, ’S cha tog ceol na pioba, Cha tog ni tha fo na neoil, Am bron a laidh air m’ inntinn.” Chaidh deich bliadhna seachad, agus thainig Uistean dachaidh. Bha e nis na lan duine. Rinn e beag fhortan an America. Cheannaich e tigh agus fearann an Duin a grunnd. Shuidhich e athair ’sa mhathair na sean aois ann an comhfhurtachd nan dachaidh fein. Ma bha Mairi nighean a’ ghobhainn beo gun phosadh cha tigeadh te eile a Thigh-an-duin. Air feasgar do na feasgar ghabh e sios rathaid a’ Chlachain. ’N uair a nochd e ris a bhaile bheag thainig gaol Mairi cho beo ri aghaidh inntinn sa bha e riamh. Suas am fianuis an tigh sgoile chunnaic e Mairi a gabhail ceum a mach os cionn buaile na spreidhe. Lub e null cul cnuic gu bhi roipe. Choinnich iad, “O Uistean,” ars’ ise agus an fhuil a tighinn na gruaidhean tana. Cha robh i riamh ann an sealladh Uistean cho boidheach finealta. “A Mhairi,” ars esan, “na phos thu fhathast.” “O Uistean,” ars ise rithist, ’s na deoir a ruith gu frasach o suilibh blatha. “Aon fhacal o’ d’ bhillibh agus ni e sona air neo truagh mi. Cheannaich mi Tigh-an-duin; an tig thu ann leam?” Sheall i suas na aodann agus ged nach b’ urrainn di le solas a facal a labhairt thuig e gu de a bha a sealladh ud a ciallachadh. Chrom e sios agus phog e air a billibh i. Tha e na’s usadh a thuigsinn an greadhnachas a bha air an ath sheachduinn an tigh a ghobhainn na chuir sios le peann. Cha bu bheag, cuideachd, an aobhneas a bha an Tigh-an-duin aig a bhanais tighe. Bha Pegi a riaghladh na cuirm, ’si fein a nis posda ri Maighstir-sgoil an Duin: shuidh i suas ri taobh Mairi agus thubhairt i, “Gu de a nis mar as toil leat a bhi cumail tigh le ’m bhrathair? Am beil teangadh chabach agam a nochd?” “O, Phegi! am beil cuimhne agad?” arsa Mairi ’si deanamh gaire aobhneis.—D. W. ’sa Highlaud News AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 144] [Vol. 8. No. 18. p. 8] SGIALACHD NA TROIDHE. V. Duan. AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC-LACHAINN. (Air a leantuinn.) D’ i sid urnaigh ’ghaisgich fheil: Dh’ eisd Minerva ’s thuig mar dh’ iarr, Dh’ fhag i gach ball meinneil, ur, Aotrom, eangbhaidh gu dluth ghniomh. An sin chuig i cagar ’n a chleais: Mosgail suas, a mhic an t-suiun. Dearbh do neart an cruadal gleois, A’s nochd do Throidh miod do shuim. Meanmna d’ athar bu mhor loinn. Dhoirt mise ’s gach roinn de d’ chreubh; Cuimhnich Tid nan cruibh-each luath, ’S duisg gach buaidh bu dual do ’n treun. Gach smal feola ’dhall thu ’n tus, Fuadaichims’ air chul gu leir, Measg chlann-daoine ’n iorghaill chruaidh. Chi thu flaithean buan nan speur. Ni d’ an eirich sear no siar, Na fagar aon dia gu h-euchd. Bi cinnteach nach gluais thu m’ fhearg, Far nach dian neart talmhaidh feum. Ma thig ort Venus nan gradh, Torchuir le d’ staillinn chaoil,— Sin mar thuirt Pallas nam blar, ’S an grad phriobadh dh’ fhag i ’n laoch. Ghluais an sin mac Thid an aigh, Le sgrib ghabhaidh ’n tus nan slogh; Tri fillte bha chonn ’s a fhraoch, Gu ath-chaonnaig ri neart Throidh. Mar leomhann riabhach bho ’n uaimh, Acras ’g a bhuaireadh gu feoil, Thair mainnir aird, uir nan geug, Air leum am measg treud a’ chro; ’S diomhain ma thilgear air calg, Feargnaichidh an lot a’ bheisd; Am buachaill’ air bhall-chrith aoig, Teichidh fhad ’s a dh’ fhaodas slan; ’S millteir spogach nan tosg cruaidh Ag cur neart na buaile fas. Doirtear muin air mhuin an t-al, ’N am fuil marbh air blar an fhuinn. Leumaidh e ’n sin ’s a bhru lan, Le buaidh thair a’ gharadh chruinn. Sid mar rinn mac Thid an t-ar, ’N a chaoir-mhaoim feadh bhlar na Troidh’: Thuit Astinous fo ’laimh threin, ’S deagh Hipenor iul nan slogh; Thorchuir an t-sleagh fear mu’n chich. ’S bha fear sinte fo lainn mhoir; Sgath i ’n trom ghuala bho ’n chorp, ’S thuit esan fo ’n lot gun deo. Chunnaic e ’n sin Abas corr, ’S Polvices og nan gleachd; Da mhac Eurydamais leith, Faidhe-bhruadar bu gheur beachd. Cha d’ fhoillsich e brigh an dain ’N am triall dhaibh gu blar nan sonn; Fhuair iad bho ’n deagh Dhiomed eug ’S thuit na laoich fo chreuchdan trom, Xanthus, Thoon thuit ’n an deigh, Mic iad sid do Phænops caoin; Dh’ fhag iad an seann athair graidh, Gu h-anfhann a’ spairn fo ’n aois: Mac eile cha d’ fhuair an laoch, D’ an tiomnadh e mhaoin s’a dhail: Bhuail mac Thid am beum gun agh, ’S mhill am bas na gallain ur. ’S craiteach guin an athar thruaigh, Nach till a dha luaidh na’s mo; Aois a’s tursa bhuan ’g a chnamh, ’S roinn aig cach air an t-seilbh mhoir. Fhuair e ’n sin da fhleasgach og, ’S an aon charbad taobh ri taobh, Bu chlann iad do righ na Troidh’ ’Siubhal sios gu comhraig laoch. Mar leomhann beucach ’n a dheann, A’ saighdeadh romh sgann nam bo, Damh no tarbh an sas air ghial, ’S ’g a ghrad-riasladh le chrom dhoid? Sin mar thilg e bharr nan each An da og, ’s a ghlac e ’m faobh; ’S dh’ ordaich e gu sreud nan long, Na steucan thair fonn an raoin. Æneas thug aire do ’n t-sonn A’ tilgeadh reang bun os cionn; Ghluais e romh sgreadail nan lann, Romh stoirm shrannraich nan cruaidh ruinn. Dh’ iarr a’s fhuair e ’n neach bu mhiann, Mac Licaoin Trath gun cheal; Dhluthaich e gu teann ri thaobh, ’S ghrad-chuir ceist air laoch nam fear: A Phandaruis, c’ e do chliu, Do bhogh’ ur ’s do shaighdean luath. Cinnt’ do lamh gun seis’ air feum, Mu ’n d’ rinn Lycia gu leir uaill? Dh’ ionnsaidh an fhir ud leig deann, Ma ’s basmhor a th’ ann ’s nach dia, A ghluais an diugh olc a’s bas, Nach d’ fhiach rium cho craiteach riabh. Ma ’s aon a thuirling bho ’n speur, Gu’r leireadh mu dhearmad faoin, Iarramaid le umhlachd sith, ’S eaglach an ni dia fo fhraoch. Fhreagair mac Licaoin gheir:— Ard Æneais iuil na Troidh’, Samhlaichim an laoch ’s gach ni Ri deagh Dhiomed nan gniomh corr. Aithnighim a sgiath ’s eideadh cinn, ’S seang-eich luthmhor an t-suinn bhrais. Ach ’s beag m’ fhios nach dia bho’n speur, A thaosg oirnn an leir-sgrios cas. Ma’s neach daond’ e reir mo radh, ’S dearbh gur mac Thid nan sar ghlonn; Gun dia bhi cur neart ’n a laimh, Cha’n imreadh e ’n t-ar cho trom. Tha flath neo-bhasmhor ’g a dhion, ’S comhdach nan gorm nial mu ’chom, Ged thig fras shaighdean ’n an leum, Airsan cha druigh beud bho rainn. Thilg mis’ air le m’ iathaidh chruaidh, Bhuail mi guala dheas an trein, Spealg mi ’n uchdach phrais mu ’chliabh, ’S shaoil leam nach bu chian an t-eug; Snisneachadh cha d’ rinn a chorp, ’S ann a bhrosnaich mi ’n saoidh garg; ’S cinnteach leam gur dia bho’n speur, ’S uaibhreach euchdan, ’s millteach fhearg. Gun each, gun charbad ri m’ chul ’S diubhail sid ’s an uair nach b’ fheum; Aon charbad diag bha fo m’ laimh An tigh mor Licaoin fheil: Na buill loinntreach dhiongmhalt’, ur, Fo dhion duinte nam brat-sgail Faisg gach aon diubh tha cuing each, Air bial[?]obh nam prasach lan, Fhuair mise bho ’n aosda mhin Iom’ earail bu bhrighmhor blagh, Gu’n leanainn gaisg’ agus coir, ’N uair dh’ fhagainn tigh mor nam fleagh. Dh’ iarr e mi bhurn lean nan sreud, Le m’ charbad bu cheatach dearbh, ’S marcachd air tus arm na Troidh’, Am buillsgein nan comhstrith garg. (Ri Leantuinn.) Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach. Triubhsairean bho $3.00 suas. Niall Mac Coinnich, SIDNI MINES, C. B. Am Feillire. NOBHEMBER, 1899. 1 Di-ciaduin An t-Samhuin. 2 Dior-daoin La nam marbh. 3 Di-haoine 4 Di-satharna 5 DI-DONAICH XXIV. Donaich na Caingis. 6 Di-luain Posadh Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1750. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin Bas Dhun-Scotuis, 1308. 9 Dior-daoin Areith Bhaltar Geikie, 1795. 10 Di-haoine Breith Fhir Chuilfhodair, 1685. 11 Di-satharna 12 DI-DONAICH XXV. Donaich na Caingis. 13 Di-luain La Sliabh an t-Siorraimh 1715. 14 Di-mairt 15 Di-ciaduin Glacadh Baile Charlisle, 1745. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine 18 Di-satharna 19 DI-DONAICH XXVI. Donaich na Caingis. 20 Di-luain Breith Um. Blackwood, 1776. 21 Di-mairt Bas Sheumais Hogg, 1835. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin 24 Di-haoin Bas Iain Cnocs, 1572. 25 Di-satharna Bas Sheann Thormoid Mhic Leoid, 1863. 26 DI-DONAICH 27 Di-luain La Phentland, 1666. 28 Di-mairt 29 Di-ciaduin 30 Dior-daoin An fheill Anndrais. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 3, U. 6, M. 13 M A Cheud Chairteal L. 10, U. 9, M. 21 M An Solus Lan L. 17, U. 6, M. 5 M An Cairteal mu Dheireadh L. 25, U. 2, M. 21 M NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla A. J. G. MacEACHUINN. Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - - - C. B [TD 145] [Vol. 8. No. 19. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 17, 1899. No. 19. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLI. AN T-OR PAILT, ’S AN T-AODACH GANN. Cha robh againn ach seasamh far an robh sinn; oir bha’n t-aite cho cumhang ’s nach b’ urrainn duinn suidhe ann. Thoisich an dithis a bha ’n aghaidh dhuinn an rathad ud a ghabhail, ri toirt achasain dhuinn, a chionn nach do ghabh sinn an comhairle, agus nach deachaidh sinn suas an rathad a bha iad fhein ag iarraidh oirnn a ghabhail. Mar is minic a thachair do dh’ iomadh aon dhe ’n seorsa, bha iad ag radh gu’n robh iad lan-chinnteach gu’n cuireamaid sinn fhein ann an cunnart, o nach do ghabh sinn an comhairle-san. Cha robh sinn ag radh facal ’nan aghaidh; cha robh feum dhuinn ann. Agus an uair a chunnaic iad nach robh a h-aon dhinn a’ cur suim anns na bha iad ag radh, sguir iad a dh’ iomachain oirnn. An uair a stad iad de bhruidhinn, thuirt Tomas riutha, “Ciod e am math a ni e dhuibh fhein no dhuinne sibh a bhith bruidhinn air a chaitheamh sin? Nan cuireadh gearain is iomachain is bruidhinn, ceart a h-uile rud a theid cearr, cha b’fhada gus am biodh a h-uile dad cearr a th’ air an t-saoghal air an cur ceart gu leor. Cha do rinn na thubhairt sibh ach dragh a chur air bhur inntinn fhein, agus mi-thlachd a chur oirnne. Ged a bhiomaid air bhur comhairle-se ’ghabhail, agus a’ cheart rathad a ghabhail a bha sibh ag iarraidh oirnn, am bheil sibh cinnteach nach tachradh cunnart no tubaist sam bith ruinn! Air son na bheil a dh’fhios agaibhse agus agamsa, tha ’n ceum a ghabh sinn a cheart cho sabhailte ri ceum sam bith eile a b’ urrainn duinn a ghabhail. Mur teid againn air a dhol air aghart, theid againn air tilleadh. Agus cha sinn a’ cheud fheadhainn do ’m b’ fheudar tilleadh do’n taobh as an d’thainig iad.” Cha dubhairt aon seach aon dhe na bh’ anns an eisdeachd aon fhacal an aghaidh na thuirt Tomas. Air aon doigh no doigh eile, fhuair e ceannardachd oirnn, agus bha sinn mar bu trice lan-riaraichte leis gach ni a chitheadh e iomchuidh a radh agus a dheanamh. B’e Balso a bha air thoiseach, agus ged nach robh e comasach air a dhol timchioll na sroine bioraich a bh’ air a’ chreig chais a bha romhainn, bha e comasach air sealltainn thairis oirre; agus thug e an aire gu’n robh e furasda gu leor dhuinn astar math a choiseachd suas ri taobh na h-aimhne, nam faigheamaid aon uair gu sabhailte thairis air an t-sroin so. Thug e an aire mar an ceudna nach biodh e idir cho doirbh dhuinn faighinn as a’ chuil chumhaing anns an robh sinn, nan do chum sinn na b’ isle na rinn sinn. Ghabh e beachd air mar bha’n t-uisge a’ cnamh nan creag direach m’a choinneamh air taobh eile na h-aimhne, agus thuig e gu’m faodadh gu’n robh a’ chreag a cheart cho bog air an taobh air an robh sinn agus a bha i air an taobh eile. A dh’ olc no dh’ eiginn gu ’n d’ fhuair sinn, chaidh againn air tilleadh air ais mu astar fichead slat, no deich slatan fichead. Agus cha b’e sin an soirbh. Bu shuarach an cunnart anns an robh sinn an am dhuinn a bhith direadh ri aghaidh bruaich chas na h-aimhne seach an cunnart anns an robh sinn an am dhuinn a bhith tearnadh. Cha robh gluasad a dheanamaid nach robh eagal ar cridhe oirnn gu’n cailleamaid ar greim, agus gu’n rachamaid car ma char leis na creagan. Coma co dhiubh, fhuair sinn mu dheireadh air ais, agus chunnaic sinn gu’n robh e gu math na b’ fhasa dhuinn a dhol air aghart aig bruaich an uisge na bha e gu h-ard as ar cionn. Ach an uair a chaidh sin mu leith cheud slat air ar n-aghaidh, thachair aite ruinn a bha, a reir choltais, cho cas agus cho sleamhuinn ’s nach robh rathad againn air faotainn thairis air. B’e Balso a bha air thoiseach, agus laidir ’s mar a bha a mhisneach sheas e far an robh e agus a dheich inean an sas anns a chreig. Cha robh diog a’ tighinn as a cheann. Thuig sinn uile gu ’n robh eagal air nach rachadh againn air a dhol na b’ fhaide air ar n-aghart. Ged a bha e ’na sheasamh ann an aite cho sleamhainn ’s gur gann a sheasadh na sgairbh an casan air, shin e amhach a null tarsuinn air an t-sroin bhioraich a bh’ air a’ chreig a bh’ air a bheulaobh, agus an uair a chunnaic sinn mar a bha e ’ga shineadh fhein, is gann gu’n tigeadh deo dhe ar n-anail am mach leis an eagal a bh’ oirnn gu’n cailleadh e a ghreim, agus gu’n rachadh e an comhair a chinn do’n amhainn. An uair a bha e beagan mhionaidean anns an t-suidheachadh so, agus gu’n alt no cnaimh dheth a’ gluasad na’s mo na ged a bhiodh e fuar, marbh, thuirt e, “Sinibh dhomh an tuadh. Mur ’eil a’ chreag gle chruaidh, theid agam, tha mi ’smaointean air sgealban matha thoirt a sron na creige, air dhoigh gu’m faigh sinn seachad ann an so. An uair ’s gu’m faigh sinn seachad air an t-sroin so, saoilidh mi gu’m faigh sinn air ar n-aghart gun dragh sam bith tuilleadh.” Ged a thuirt e so, cha b’ urrainn e ’aghaidh a thionndadh ruinn. Shin e a lamh dheas am mach air a chulaobh, agus shin sinn dha an tuadh o laimh gu laimh. Cha robh a’ chreag cho cruaidh ’s a bha ’coltas, agus le beagan bhuillean, bhrist sgealb mhath a sron na creige. “Fheara, fheara,” ars’ esan, “tha stiom dhe’n or ann an so. Cha ruig sinn a leas a dhol na ’s fhaide. Tha anns a’ chreig so fhein dheth na dheanadh saoibhir na miltean.” Lean e air bristeadh na creige gus an d’ rinn e ceum sabhailte air an d’ fhuair sinn gu leir thairis a dh’ ionnsuidh an taoibh eile dhith. Math ’s mar a bha’n t-or, b’ fhearr gu mor na sin an fhois a bh’ aig ar n-inntinn, aon uair ’s gu’n d’ fhuair sinn as a chunnart anns an robh sinn. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, foghnaidh dhomh a radh, gu ’n do chuir sinn seachad iomadh latha anns an aite ud. Bha sinn uile cho trang ’s a b’ urrainn duinn ag obair air cladhach an oir; agus a h-uile Di-sathairne bha sinn a’ dol leis na bha sinn a’ buinig dhe’n or do’n uamhaidh, far an robh sinn gu curamach ’ga thasgaidh seachad gus an tigeadh an t-am dhuinn tilleadh air ais do’n chearn as an d’ fhalbh sinn. Agus bha sinn fad an latha Di-domhnaich a’ cur seachad na h-uine ’nar tamh, mar a chuir sinn romhainn a dheanamaid an uair a dh’ fhalbh sinn air ar turus o’n taigh. Ach ged a bha sinn a’ faighinn gu ar miann dhe’n or, bha sinn fad na h-uine a’ fulang iomadh eis. Bha sinn gu math tric gle ghann de bhiadh. Cha robh toil againn ar cuid fudair is luaidhe a chosg gu leir; oir bha fhios againn nach robh rathad againn air faighinn air ais gu ruige Demerara mur biodh fudar is luaidhe gu leor againn gus sinn fhein a dhion o dhaoine, agus o gach fiadh-bheathach a dh’ fhaodadh tachairt ruinn air ar turus. Bha ar n-aodach mar an ceudna a’ fas gle luideach. Cha d’ thug sinn leinn o’n taigh ach cho beag ’s a b’ urrainn duinn; oir bha sinn an duil a dhol do dh’ aite anns am biodh biadh is aodach pailt gu leor ri reic. Ach cha do thachair cuisean ruinn mar a bha sinn an toiseach an duil. Agus is iomadh latha o ’n uair ud a bha mi smaointean air mar a bhios daoine, an am dhaibh a bhith ’dol ann an ceann gnothaich, a’ cur rompa gu’n dean iad an ni ud agus an ni ud eile; ach cha bhi iad fad air an aghart an uair a gheibh iad am mach nach ’eil an saoghal a’ dol a gheilleachdain dhaibh mar a bha iad an toiseach an duil. An uair a tholl air na briogaisean againn air ar cualaobh ’s air ar beulaobh, rinn sinn briogaisean air seiceannan a’ chruidh fhiadhaich a bha sinn a marbhadh, agus chuir sinn taobh na feola am mach dhe na briogaisean. Rinn sinn mar an ceudna curraicean air na seiceannan. Agus bheireadh an coltas a bh’ oirnn anns an eideadh shuaicheanta so gaire air gamhainn. Shaoileadh daoine nach biodh feum againn air comhdach-cinn air son fad na h-uine o’n a dh’ fhag sinn ar dachaidh; ach o nach robh doigh eile againn air nigheadh na h-urach a measg an oir, rinn sinn criathar toll dhe ar ceann-aodaich, agus bha sinn a’ nigheadh na h-urach agus nan clach a measg an oir annta. Chuala mi iomadh uair gur ann mar bu mho a gheibheadh daoine bu mho a dh’ iarradh iad; ach gus a sid cha do ghabh mi steach gu’n robh e fior. Thachair dhuinn amas air aite anns an robh an t-or anabarrach pailt; agus feumaidh mi radh gu’n robh sinn uile an duil nach fhaigheamaid gu leor dhe’n or. Iomadh latha o’n uair ud, bha mi cuimhneachadh air an t-sean-fhacal a tha ’g radh, “Sannt na caillich ’sa chruaich mhonadh.” Bha ’n t-or pailt gu leor anns an aite ud; ach bha sinn uile cho sanntach ’s gu’n robh sinn a’ smaointean gur gann a bha de dh’or anns a’ chuid ud dhe’n duthaich na riaraicheadh sinn. Ach mar is tric a thachair, bu mho a rinn an sannt de chron duinn na rinn e de mhath dhuinn. (Ri leantuinn.) Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. [TD 146] [Vol. 8. No. 19. p. 2] CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN. (Air a leantuinn.) DI-MAIRT. Bha’n latha so grianach, soilleir; ’s air naoi uairean ’sa mhaduiun bha ’Bhan-righ ’na carbad, agus air a turus do Ghaidhealtachd na h-Alba. Cha ruig sinn a leas cunntas a thoirt air gach ceum da turus rioghail, ach a radh ann an aon fhacal, gach aite troimh ’n deachaidh i, gu’n do choinnich gach urram ’us dilseachd i a b’urrainn sluagh a thairgse. Rainig i Iomrach-na-Ban-righ (Queen’s Ferry) mu aon-uair-deug—tighearnan, uaislean, agus tuath na duthcha, ’marcachd na deigh. Chaidh i thar an aiseig, i fein ’s a’ chuideachd fhlathail a bha maille rithe; agus ghabh i roimhpe gus an d’ rainig i Caisteal Dhuplin (Dubh linn?), aite-comhnuidh Mhorfhear Kinnoul, ann an siorramachd Pheairt. Bha comunn lionmhor ’san aite eireachdail so ’feithcamh oirre, agus na miltean a mach air a’ bhlar, air am breth-as le dealas gu failte Ghaidhealach a thoirt dhi. Ghabh a’ charaid rioghail dinneir thrath ’sa chaisteal, far an d’ fhuair flaithean na tire ’bha ’sa choimhearsnachd cuireadh a bhi lathair. Ghabh a’ Bhan-righ a nis air a h-aghaidh gu baile-mor Pheairt; agus faodar a radh le firinn nach ’eil rathad ’san rioghachd uile as an aille sealladh na ’n rathad so. Sheas a’ Bhan-righ ’na carbad ’nuair rainig i uchdach ard o’m bheil sealladh fada farsuing air an duthaich, ’s tha e air a radh gun d’ aidich i nach fac i riamh sealladh bu chiataiche! Rainig i nis BAILE-MOR PHEAIRT. Ma rinn Prothaist agus Baillidhean Dhuneidin culaidh-bhuirt dhiubh fein le’n giulan breamasach, cha’n fhaodar sin a radh ri Prothaist agus Baillidhean Pheairt. Cha robh doigh an robh e comasach urram agus dilseachd a thaisbeanadh nach do nochd iad; agus rinn iad so le leithid do ghliocas ’s do stoldachd, ’s gu’n robh bochd ’us beartach, uasal ’us iosal, ’gam moladh. ’Nuair rainig a’ Bhan-righ crioch a bhaile, choinnich iad i aig a’ gheata. Thairg iad dhi iuchraichean a’ bhaile, agus rinn iad labhairt rithe gu deas-bhriathrach, modhail, ionnsuichte. Fhreagair ise iad ann an cainnt thioram, theabanta—’si fein is urrainn. Thilgeadh geata a’ bhaile fosgailte, agus ghabh a’ Bhan-righ ’s na bha maille rithe air an aghart fo bhogha mor aluinn, mar bhogha drochaid, air a dheanamh suas le blaithean ’s le rosan urail. Cha do ghabh am bogha buadh-laraich so ach deich latha ’ga chur suas, agus bithidh e na bhuan-chuimhneachan air solas agus subhachas an latha agus na comhdhail. Cha’n ’eil an seann bhaile Peairt a’ dol air aghaidh an sluagh, ach air an latha so bha leth-cheud mile ann nach robh ann la’r-na-mhaireach! Chaidh a’ Bhan-righ air a h-aghaidh air a cuairt am measg gair dhealasach an t-sluaigh; agus an deigh dhi dol troimh Pheairt, shuidh cuig ceud do mhuinntir a’ bhaile aig cuirm a bha air a deasachadh gus a slainte ol. An am cromadh na greine do’n t-sruth, rainig i ’n t-aite ainmeil sin, Scainn (Scoon), far na chrunadh a liuthad d’a sinnseara, righre na h-Alba, a nis aite-comhnuidh Mhorfhear Mansfield. PALAIS RIOGHAIL SCAINN. “Sud comhairle chlag Scainn, ’N rud nach buin dhut, na buin da.” ’Nuair thainig a’ Bhan-righ a stigh air cachalaidh mhor na paire, dh’fhailticheadh i le gunnachan-mora, ’s le buidheann de’n Fhreiceadan Dhubh, “an dara te ’s an da-fhichead.” Thogadh a’ bhratach rioghail dhearg air mullach na luchairt, ’s thainig a’ chuideachd a mach na comhdhail. Bha cuirm mhor ’san aite so ’san fheasgar; ach bha ’Bhan-righ sgith, ’s cha b’ioghnadh e, ’s chaidh i ’laidhe trath. DICIADAIN. Bha ’charaid rioghail air an cois gu math moch. Bha’m biadh-maidne seachad air ochd uairean. Chaidh iad le cheile mach a bheachdachadh air an duthaich aille mu’n cuairt. Dh’fhag iad Scainn ainmeil roimh mheadhon-latha, air an turus gu Tigh-a-Bhealaich, aite-taimh Mhorfhear Bhraidalba. ’Se rathad Dhun-chailin a ghabh iad. Bhruchd muinntir na duthcha ’mach as gaeh ait’ a dh’fhailteachadh na buidhinn rioghail mar bha iad a’ gabhail seachad, agus mhothuich iomad gu robh a’ Bhan-righ air an latha so, ’nuair fhuair si i fein am measg nan Gaidheal, ni bu chridheile ’s ni bu shuilbhire na bha i o na chuir i ’cas air tir an Albainn. Thuig i gu robh i ’measg nan cairdean is teo-chridhiche tha ’na rioghachd—am measg an t-sluaigh is treise agus is dilse tha fo’n chrun—am measg nan Gaidheal! Bha nis ri fhaicinn air gach dara duine “a’ bhiodag, ’s a’ bhoineid, ’s a ’bhreacan an eileadh;” ’s air gach taobh de’n rathad, “clanna nan Gaidheal an guailibh a cheile.” Air uair an deigh mheadhon-latha, rainig i DUNCHAILIN. ’Sann an so chunnaic a’ Bhan-righ sealladh a thaitinn rithe—fir threun Athol a mach ’nan lan eideadh—ceatharnaich co fearail foghainteach ’s a tha ’san rioghachd. Bha Morfhear Gleann-liobhan (Glenlyon) agus uaislean na tire mach air a’ bhlar le deich ceud Gaidheal, gach fear a’ toirt barr air a chompanach an calmachd’san eireachdas, nan lan eideadh fearail, mar bu dual. Bha cluig a’ bhaile ’bualadh gu mireagach. Thaghadh a nis tri-fichead do laoich Athoil mar fhreiceadan do’n Bhan-righ, ’s b’iad fein na gillean! Theagamh, cha do sheas riamh air faiche, de’n aireamh, buidheann bu mhaisiche. Chrunnich moran do Ghaidheil a aiteachan eile, air chor ’s, ’nuair thainig a’ Bhan-righ ’s am Prionns’ a stigh air blar, gu robh os cionn tri mile lathair a thoirt di-bheatha dhaibh; ’s mar d’ rinn iadsan sin, togadh na creagan fianuis! Bha aona ghunna-mor thar fhichead, a loisg dararach a thug air Mac-talla, o mhile creag, ’us beinn, a ghuth-cinn a thogail mar nach d’ rinn e riamh roimhe sa’ cheart aite! Bha ’n so buth riomhach air a chur suas, a mach air a’ bhlar, anns an robh cuirm air a deasachadh airson Victoria agus Albert, ’s a’ chuideachd mhor a bha maille riu—cuirm, tha e air a radh, a b’fhiach coiseachd a Glaschu casruisgte ’ga faicinn. Bha fichead buth eile ann a chaidh uidheamachadh air an son am fochair, le bord mor fada air a luchdachadh le pailteas bidh a’s dibhe. So latha nach di-chuimhnichear an Athol fhad ’s a bhios duine ’lathair a chunnaic no ’chual’ iomradh air! Thoisich an dannsa mach air a’ bhlar, ri port cuireadach, ruith-leumnach, aigeannach na pioba; agus b’iad fein “a bhreabadh an t-urlar, ’s a thionndadh gu brisg.” Ach ma dheireadh b’eigin do’n Bhan-righ falbh. Chaidh an tri-fichead ceatharnach de na h-Atholaich, le’n tuaghanan Abrach, a thoirt comhaideachd dhi mar shar fhreiceadan, agus ochd piobairean a’ cluich romhpa—ceol agus sealladh cho aoibhneach ’s a b’ urrainn duine ’chlaisteachd no fhaicinn!—cho aoibhneach agus cho moralach ’s gu’n d’ fhuair e ’chuid a b’fhearr de’n Bhan-righ mhaoth-chridhich; oir chite na deoir a’ ruith sios le ’gruaidhean, ’s an dearg a’ falbh ’s a tighinn, leis a’ mhor thlachd a ghabh i de na chunnaic ’s na chual’ i! Ghabh iad a nis air an aghart an cois na h-abhuinn Tay—rathad co tiorail samhach ’s a tha ’san duthaich uile. Cha robh sluagh mor an so, no gleadhraich. Chite muinntir aoin bhothain a mach—ciobair an sud ’s an so, le bhreacan-guaille—buanaichean le’n corain, agus as an leintean, a ruith gu taobh an rathaid. Chite seann bhean aosmhor thlachdmhor na suidhe a muigh, a leughadh a Bhiobaill—te eile ’figheadh stocainean; ach dh’ fhailtich iad uile a’ Bhan-righ le siobhaltachd agus urram, agus dh’ aidich ise so le failte ’chur orra le urram co mor ’s ged b’ iad flaithean na tire. Chaidh an carbad rioghail seachad air Gleann-Ailbeart agus Aberfeallaidh. Bha mor shluagh a mach, agus bha uidheamachadh mor air a dheanamh chum a failteachadh. Eadar so a’s Tigh-a’-Bhealaich bha domhladas mor sluaigh, a h-uile fear ’us bean, sean ’us og, ’nan earradh Domhnuich. Sluagh bu mheasaile coslas cha b’ urrainnear fhaicinnn. TIGH-A’-BHEALAICH, NO CAISTEAL BRAIDALBA. An fhad so, dh’ fhiach sinn, mar a b’ fhearr a b’ urrainn duinn, cunntas a thoirt air cuairt na Ban-righ; ach tha sgath oirnn oidheirp a thoirt air innse na thachair ’san aite so—chaidh e thar cainnte! Thug e barr air na chunnaic a’ Bhan-righ fein riamh! Ged nach robh suil ris a’ Bhan-righ gu feasgar, gidheadh bha muinntir na duthcha ’cruinneachadh o mhoch-thrath; agus mu mheadhon-latha, bha anabar sluaigh air an turus gu Tigh-a’-Bhealaich; oir thilg am Morfhear a’ pairc-mhor fosgailte air an latha so, chum gum faigheadh gach aon lan a shuil de ’n Bhan-righ agus de ’n Phrionnsa, agus de na bha ’dol air aghaidh. Cha’n urrainnear tuille ’s a choir do chliu thoirt do’n uasal fhlathasach so airson a shuairceis ’s a chaoimhneis air an am so. Cha do dhiultadh neach, bochd no nochd; agus cha di-chuimhnichear sin dhasan. Beagan an deigh mheadhon-latha chunnacas na Gaidheil ’nan eideadh a’ cruinneachadh fo chaithream iolagach nam fichead piob, ’s an cinn-fheadhna air an ceann. B’ann doibh fein a thigeadh an t-eileadh! Bha na Caimbeulaich, corr ’us cuig ceud, fo chomannd oighre a’ Mhorfhear, tighearn’ og Ghlinn-fhalaich; agus da rireadh bu dhreachmhor a bhuidheann iad. Bha iad air an roinn nan cuig cuideahdan, ’s ceannard fuirbi thairis air gach cuideachd. Bha chuideachd-eutrom air an eideadh am breacan glas nan ciobairean, le gunna-caol an fheidh an laimh gach fir. So an fheadhainn a bha ri dol a lorg an fheidh an la’r-na-mhaireach. Bha iad uile nan gillean anabarrach eireachdail, air roghainn cumadh o mullach gu’m brogan. An deigh do na Caimbeulaich a bhi ’n ordugh chualas piob. Co bha so ach Sir Nial Menzies, le thuath ’s le chinneach air an eideadh gu h-eireachdail ann am breacan a theaghlaich, geal ’us dearg—e fein, an laoch flathail, air steud-each co geal ris a’ chanach—a mhac og maille ris, ’s na ceatharnaich shunndach a’ mearsadh nan deigh. Tharruing iad suas fo ard iolach an t-sluaigh do’n aite chuireadh air leth air an son. Bha seoladairean a’ Mhorfhear mar an ceudna ’lathair, le’m briogaisean geala, ’s le’n adaichean fairge, ’s cuairt oir mu’n timchioll. Bha bratach Bhraidalba fein a’ snamh sa’ ghaoith air mullach a’ chaisteil; agus bha dithis do sheoladairean na Ban-righ, fear air gach taobh de’n chrann, chum a tarruing a nios, agus a bhratach dhearg bhuadhach a chur suas ’na h-aite cho luath ’sa thigeadh a’ Bhan-righ ’san t-sealladh. Bha cuideachd de’n deagh reisimeid Ghaidheilich, an 92d, maille ri marc-eich, air [TD 147] [Vol. 8. No. 19. p. 3] a bhlar, ’s a h-uile ni an ordugh, gun smid a beul, ach gach suil air a’ chachlaidh air an robh a’ Bhan-righ ri tighinn a’ stigh. Chite am Morfhear e fein, ’s na flaithean arda bha maille ris, air an ais ’s air an aghaidh, le ’m boineid ’s le’n eileadh, a’ cur gach ni ceart, ’s a socrachadh gach cuis; agus gu dearbh cha’n olc a thig an t-eileadh dha fein, an t-uasal eireachdail dreachmhor. Tha e air a radh gun do chosd a bhoineid i fein eadar tri-fichead ’s ceithir-fichead punnd Sasunnach! Chunnacas a nis an carbad rioghail a’ tighinn. Leum na marcaichean an glaic an diollaid, ’s ghabh gach iosal a’s uasal aite fein. Air leth uair an deigh sea ’san anmoch, bha i taobh a stigh na pairc. Chualas a nis iolach an t-sluaigh a fhuair a’ cheud shealladh dhi. Sheid an trombaid. Ghlaodh am Morfhear, le guth fearail oscarach, “Bithibh deas, a chlanna nan Gaidheal!” Sheid cuig piobairean deug suas an aon phort-failte. Thainig gach ad a’s boineid a nios. Reub na speuran leis an ard iolaich. Thugadh bratach Bhraidalba ’nios, agus chuireadh suas a’ bhratach dhearg rioghail Bhreatunnach, ’s Mac Dhughail Lathurn ’na taic, le ’chlaidheamh ruisgte an tarruing. Dh’ fhosgail na gunnachan-mora an craos. Loisg iad o gach cnoc. Fhreagair na mile cnoc a’s glac. Ghiulain Loch-Taighe an fhuaim o chearn gu cearn, ’s o thaobh gu taobh. Chite fiadh a’s earba, le ’n croic-chabar, nan cruinn-leum, a’ direadh ri mullach nam beann—an coileach-dubh ’s a chearc-thomain air an sgeith—na maighich ’s na coinneanaich nan geathadaich—agus am buar ’s an earbaill air an guailibh. Bha coisridh-chiuil anns gach aite; ’s cha robh ach aighear, ’us solas, ’us greadhnachas, ’us pailteas, air gach laimh ann am Braidalba. Cha b’ urrainn a’ Bhan-righ a’s Albert a chleith gu’n do chuir na chunnaic ’s na chual’ iad anabar iongantais orra. Cha robh e comasach ann an rioghachd Bhreatuinn comhdhail bu chiataiche agus bu mhoralaiche ’chruinneachadh, no sealladh bu ghlormhoire ’nochdadh. Cha ’n fhac’ ise no esan a leithid riamh, agus so ni nach do cheil iad. ’Nuair thainig a’ Bhan-righ as a’ carbad, chrath i lamh a’ Mhorfhear, agus mhol i na Gaidheil. Thainig a Bhan-mhorfhear phearsanta lurach a mach na comhdhail, a’s phog a’ Bhan-righ i; agus na deighsa a’ Bhan-diuc Shutharlanach, agus ban-tighearn’ eile bha maille riu. Tamull beag an deigh do’n Bhan-righ dol a stigh do’n chaisteal, thainig i fein ’s am Prionnsa dh’ ionnsuidh ard-uinneig a choimhead an t-sluaigh, a chur a ris failt’ orra le ard iolach; agus na dheigh so sgaoil iad, gu cruinneachadh ’san anmoch, a reir riaghailt a rinneadh, gu greadhnachas ’us fearas-chuideachd a dheanamh dluth do’n chaisteal. ’Nuair a thuit an oidhche, bha’n fhaiche ’s a’ phairc air an soillseachadh le cruisgeinean beaga, a’ lasadh leis gach dath a tha sa’ bhogha-fhrois. Bha cuig ceud mile dhiubh so air an raon, gu sonraichte aig bun nan craobh! Bha teintean-eibhinn mora air mullach gach beinne; ’s cha ’n eil e comasach a thuigsinn, ach leosan a bha lathair ’s a chunnaic e, co aille ’s a bha’n sealladh uile gu leir! Bha na ceudan de na Gaidheil, ’s leus mar chrann-tara a’ lasadh ann an laimh gach fir, a’ siubhal troimh ’n phairc, air chor ’s gu robh gach ni co soilleir ’s ged b’e aird’ a’ mheadhon-latha e. Dluth do ’n chaisteal, agus direach ma choinneamh nan uinneagan mora dreachmhor, chaidh lobhta chlairidh ’thogail, air an robh na Gaidheil ri dannsa le ceol na pioba, agus far am faodadh na maithean agus a’ mhor-chuideachd am faicinn. Bha’n uiread so do Ghaidheil a’ giulan leusan teine ceithir-thimchioll na lobhta so. Sheideadh a nis na gaothairean, lionadh gach mala, sgail gach feadan, ’s thoisich an dannsa; ’s ma thoisich, ’s iad na gillean nach robh leisg no lunndach! Bha Bhan-righ ’gan coimhead o’n uinneig; ’s ma bha, cha robh i gun ioghnadh—cha’n fhac i dannsa riamh gus a so a b’airidh air an ainm! Na laoich! air m’ fhocal, ’san aca fein a bha comas nan cas! Co eu-coltach ri dannsa snagach moineasach na Galltachd, a chuireas fuachd air neach ’fhaicinn! Bha uasal ’us iosal air a’ chlairidh, ’s cha robh gainne air piobairean. Dhannsadh “Gille-Calum,” no “Danns-a’-Chlaidheamh,” Ruidhle Thullachain,” “Tullochgorm,” ’s gach danns’ eile bu bheothaile na cheile. Bha Sir Raibeart Peel fad na h-uine ’g amharc orra, ’s cha di-chuimhnich e air a luathas an sealladh! Cha’n urrainn sinn a bhreathnachadh an t-ioghnadh a chuir e air na Sasunnaich! Cha b’ urrainn am Prionns’ an larach fhagail. An deigh do’n Bhan-righ dol a laidhe, phill esan; agus dh’fhan e gus an d’ fhalbh an duine ma dheireadh, mu mheadhon-oidhche! (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XVIII. Am feadh ’s a bha Alsaman a’ toiseachadh ri bliadhna eile dhe ’bheatha ’chur seachad ann an saothair, ann am bron, agus ann an trom-ionndrainn air comunn caomh, caidreach Bhadoura, bha ’n long air a turus, agus soirbheas gle fhabharrach aice, gu ruige Eilean Ebene, far an d’ rainig i fhein ’s na h-uile a bha air bord innte gu sabhailte. Tha luchairt an righ ri taobh na mara, agus an uair a thug Badoura an aire do’n luing a’ seoladh a steach fo a lan-aodach do ’n acarsaid, agus a brataichean boidheach, baidealach a’ snamh anns a’ ghaoith, ghrad dh’ fheoraich i ciod an long a bh’ ann. Dh’ innis iad dhi gu ’m b’ ann a duthaich fad as a thainig i, agus gu’n robh luchd anabarrach feudalach innte. Ged a bha Badoura ’na righ, agus air a cuartachadh leis gach ni a bheireadh comhfhurtachd agus toil-inntinn dhi, gideadh cha robh Alsaman a’ dol bhar a h-inntinn a latha no dh’oidhche. An uair a chunnaic i an long a’ dol a steach do ’n acarsaid, bhuail e anns an inntinn aice gu ’m faodadh gu ’n robh Alsaman air bord innte. Agus chuir i roimpe gu’n rachadh i air bord gus a choinneachadh nam biodh e ann; ach bha i ’smaoineachadh nach aithnicheadh e i, o ’n a bha i ann an deise firionnaich. Mar leithsgeul gus a dhol air bord, bha i ’cumail am mach gu ’n robh toil aice fios fhaotainn ciod an seorsa luchd a bh’ air bord, a chum gu’n ceannaicheadh i an seorsa b’ fhearr. Gun dail sam bith mharcaich i ann an cuideachd ’nan oifigeach a dh’ ionnsuidh na laimhrig far an do thachair sgiobair na luinge rithe ’se direach an deigh a dhol gu tir. Dh’ ordaich i a thoirt ’na lathair, agus dh’fheoraich i dheth co as a thainig e, ciod an uine a thug e air a thurus, an d’fhuair e turus soirbheachail, an do ghabh coigreach sam bith a thurus air an luing maille ris, agus ciod an luchd a bh’ aige anns an luing. Thug an sgiobair, gu modhail, iomchuidh, mar a b’ aithne dha, freagairt dhi do gach ceisd a chuir i air. Thuirt e rithe nach robh de luchd-turuis aige air bord ach marsantan a bha tighinn a h-uile bliadhna as gach cearn dhe ’n t-saoghal le bathar feudalach dhe gach aeorsa, mar a tha lion-aodach grinn air a dhath agus gun dath, daiman, musc, omar, camfar, spiosraidh, cungaidhean, dearcan-olla, agus moran de sheorsachan eile. Bha Badoura anabarrach deidheil air dearcan-olla; agus an uair a chual’ i an sgiobair ag iomradh orra, thuirt i, “Cuir air tir iad, agus ceannaichidh mise uat iad. Agus a thaobh gach seorsa bathair eile a th’ agad air bord, abair ris na marsantan an toirt ’nam lathair-sa, agus an leigeadh fhaicinn domh mu’m faic neach sam bith eile iad.” An uair a chual’ an sgiobair na briathran so, shaoil leis gur e righ Eilean Ebene a bha ’labhairt ris, agus thuirt e, “Le ’r cead, a righ, tha leith cheud crogan, luma lan de dhearcan-olla, agam air bord. Buinidh iad do mharsanta araidh aig an robh duil seoladh an so maille rium. Thug mi fhein fios dha gu’n robh mi ’falbh; ach dh’ fheith e cho fad’ aig a thaigh ’s nach fhaodainn fuireach gun seoladh gus an tigeadh e.” “Biodh sin mar a tha e; thoir thusa na dearcan-olla do m’ ionnsuidh-sa, agus ni sinn cordadh mu’n deidhinn,” arsa Badoura. Gun dail sam bith chuir an sgiobair bata dh’ ionnsuidh na luinge a dh’ iarraidh nan crogan. Dh’ fheoraich Badoura dheth ciod a b’fhiach iad, agus thuirt e rithe, “Le ’r cead, a righ, o’n is duine bochd am marsanta, b’ oircheas duibh mile bonn airgid a thoirt dha air an son.” “Gus a riarachadh, o’n is duine bochd e, tha mi deonach mile bonn airgid a phaigheadh air an son; ach cuimhnich gu’n toir thusa dha a h-uile bonn dhiubh,” arsa Badoura. Ghrad phaigheadh an t-airgiod do ’n sgiobair ’na lathair, agus thugadh na crogain air falbh do’n luchairt. An uair a thainig an oidhche, chaidh Badoura do ’n t-seomar aig Hatalna (oir b’ e so an t-ainm a bh’ air nighean righ Ebene), agus dh’ ordaich i an leith cheud crogan a thoirt a steach do’n t-seomar. Dh’ fhosgail i fear dhiubh gus fios am blas a thoirt do Hatalna, agus dhi fhein. Agus ciod a b’ iongantaiche leatha na an crogan a bhith leith lan de dh’ or. “Ciod air an t-saoghal is ciall da so? Tha so anabarrach uile fein iongantach,” ars’ ise. Leis an ioghnadh a chuir an gnothach a bh’ ann oirre, ghrad dh’ordaich i do na mnathan a bha frithealadh do Hatalna, a h-uile fear dhe na crogain fhosgladh ’na lathair. Ach ma bha ioghnadh roimhe oirre, is ann a bha ’n t-ioghnadh oirre an uair a chunnaic i gu’n robh an t-or am measg nan dearcan-olla anns a’ h-uile fear riamh dhe na crogain. Ach an uair a dh’ fhosgladh am fear anns an robh a’ chlach-bhuadhach, thuit i seachad ann an laigse. Thug Hatalna agus na mnathan coimhideachd as an laigse i, an uair a chrath iad uisge fuar oirre. An uair a thainig i as an laigse, rug i air a’ chloich-bhuadhaich, agus phog i caochladh uairean i. Agus air eagal gu’m faigheadh na mnathan choimhideachd fios air mar a bha cuisean eatorra, dh’ ordaicheadh dhaibh a dhol am mach as an t-seomar. Cho luath ’s a chaidh iad am mach, thuirt Badoura ri Hatalna, “O ’n a tha fios agadsa air gach mi-fhortan a thachair rium, is cinnteach gu’n do thuig thu gur e sealladh dhe ’n chloich-bhuadhaich a thug orm fannachadh. Is i a’ chlachag ud a’ b’ aobhar gu’n do chaill mise Alsaman, m’ fhear-posda gaoil; ach mar a bha i ’na h-aobhar air sinn a bhith nis air ar dealachadh o cheile, tha mi ’creidsinn gu’m bi i na h-aobhar air ar cur fhathast an cuideachd a cheile,” Mu ’n gann a bha ’n latha air soilleireachadh, chuir Badoura fios air sgiobair na luinge; agus an uair a thainig e, labhair i ris mar so, “Bu mhath leam an tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn a’ mharsanta do’m buineadh na dearcan-olla a cheannaich mi uat an de. Tha mi ’n duil gu ’n d’ innis thu dhomh gu ’n d’ (Air a leantuinn air taobh 150.) [TD 148] [Vol. 8. No. 19. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, NOBHEMBER 17, 1899. Tha chomhstri a bha eadar Breatunn agus a Ghearmailt a thaobh Samoa, seachad. Tha Breatunnn a leigeil uaithe gach coir a bh’ aice air an eilean sin, a fagail na Gearmailt ann an lan sheilbh; tha a Ghearmailt air an laimh eile a’ toirt do Bhreatunn gach coir a bh’ aice air Tonga, San Isobel, agus aireamh de dh’ eileanan eile is fhearr le Breatunn gu mor na Samoa, oir tha acarsaid mhath ann am fear dhiubh, agus ’se acarsaid an dearbh ni a bha dhith oirre. Air an doigh so, cha’n ’eil curam gu’n eirich cogadh eadar an da Impireachd; tha’n aon ni air an robh choltas aimhreit a thogail eatorra air a thoirt air falbh. Bu ghle thoigh leis an Fhraing cothrom fhaotainn an drasda air tilleadh a thoirt do Bhreatunn anns a chogadh a tha eadar i agus an Transvaal; ach cha’n ’eil e ro choltach gu ’n soirbhich sin leatha. Cha b’ urrainn dhi a dhol ’san eadraiginn leatha fhein—bhiodh an t-eagal oirre a dheanamh—agus tha na rioghachdan mor eile a seasamh a mach, agus a cur rompa gu’n leig iad leis a chuis a bhi eadar Breatunn ’s an Transvaal fhein. Ann an oraid a rinn e deireadh na seachdain s’a chaidh, tha Morair Salisbury, priomhair Bhreatunn, ag radh gur ann mar sin a dh’ fheumas a bhith; nach fhuilingeadh Breatunn do rioghachd sam bith a dhol eadar i-fhein ’s duthaich Chrugeir, gu bheil ise air son ceartas fhaotainn d’ a h-iochdarain, agus gu feum i fhaotain a dh’aindeoin co theireadh e. Tha e coltach gu bheil cordadh aig Breatunn air a dheanamh ris a Ghearmailt, nach cuirear dragh sam bith oirre fad a chogaidh, agus ma tha sin fior, faodar a bhi cinnteach nach bi oidhearp sam bith air a thoirt leis na rioghachdan eile an aghaidh Bhreatuinn. Cha bu dana le Ruisia toiseachadh, ’sa Ghearmailt ’na h-aghaidh, agus a thaobh nan Staidean, tha e cinnteach, ’nam biodh taobh ri ghabhail, gu’n gabhadh iad taobh Bhreatuinn, oir bi Breatunn an caraid a b’ fhearr a bh’aca fhein anns an chogadh ris an Spainn. Cha ’n ’eil mar sin aig an Fhraing ach a bhi casadh a fiaclan ’s feuchainn ri cur suas leis a ghnothuch cho math ’s is urrainn dhi. Tha muinntir nan Staidean ag ullachadh soitheach-eiridinn a tha iad a dol a chur do cheann a deas Africa, cho faisg air larach a chogaidh ’s is urrainnear a toirt. Bidh lighichean us mnathan-eiridinn oirre air son a bhi toirt aire do’n mhuinntir a theid a leonadh anns a chogadh, Breatunnaich us Boerich, gun eadar-dhealachadh sam bith a bhi ’ga dheanamh eatorra. Tha iad mar so a nochdadh gu bheil toil aca na’s urrainn daibh a dheanamh gu gach olc a thig an lorg a chogaidh a dheanamh cho neo-chronail ’s is urrainn daibh. Nuair a gheobh duine leon bais, cha mhor is urrainnear a dheanamh air a shon, ach na ’s urrainnear a dheanamh, ’s coir a’ dheanamh. Is toigh leotha-san a bhios a cur shanas anns na paipearan fhios a bhi aca gu ’m bi iad a deanamh feum dhaibh. Is coir do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ma ta, an cuid bathair a cheannach uatha-san a tha cur sanas ann; is coir dhaibh aig an am cheudna sin innse dhaibh. Ma gheibh na marsantan ’s na daoin’ eile mar sin a mach gu bheil sanas anns a phaipear Ghailig a deanamh feum dhaibh, bidh iad na’s deigheile air a bhi ’gan cur ann, agus air an doigh sin bidh iad a cuideachadh le bhi cumail na Gailig beo; oir cha’n eil teagamh nach eil am MAC-TALLA ann an tomhas mor a cumail spiorad nam fior Ghaidheal beo anns an duthaich so, agus ni sam bith a chuidicheas, leis-san tha e cuideachadh leis a Ghailig. Litir an Cainnt na h-Eirinn. Latha Samhna an diugh, agus in Ard-sgoil nan Caitliocach aig Washington ata mise, agus bliadhain d’ aois an Tigherna an tan so 1899 bl. A DHUINE DE CHLANNAIBH GAEDHEL A THA AIG FREASDAL MAC-TALLA DUINN,—Gheobha tu aon dolléir fillte istig san litir se mar dhioluigheacht as MAC-TALLA gu ciunn bliadhna oile. Tha do paupéir aig taitin rium gu righ-mhaith; gheibh me mor-chuid seana Ghaedhilga ann air am feil am blas ’s am baladh ceart, agus gu h-airithe na seana dhanta. Ach tabhair damhsa cead a radh gu’m feil mor-chuid neo-Ghaedhilge ann idir danta agus pros, nach taitin rium air cor air bith; mar is amhlaidh a tha siad agus gan greim de bhrigh no blas na Gaedhilge aig gabhailt leo, chean is Beurla a tha ionnta fa eudach nan Gaedhel. Leamhnacht is eadh i an Ghaedhealg ach an anglais se de leath-Ghaedhealg leath-Bheurla cha ’n ’eil ann ach sgiodar no bainne geur. Bionn doine aig sgriobhadh gu minic air na Ceiltechaibh, doine air a’m feil uireasba eoluis chun a chomeid sin de ghno do ghabhail do laimh. Fios a tha uainn ’s cha ’n ann fonn na firinne. Chum gu ’m beadh an fios so aguinn cuire me sios innse ainm leabhair do sgriobh Albanach foghlumtha rob’ eolgach e do sgriobhadh agus ’sé sin “Celtic Scotland, by William F. Skene, D. C. L., L. L. D., Historiographer Royal for Scotland, 2nd ed., III. vols. Edinburgh, David Douglas, 1886.” Agus chum gu ’m beadh a fhios aguinn cread i an Ghaedhealg feuch leat an graméir beag do sgriobh Albanach oile, “The Elements of Gaelic Grammar, by H. Cameron Gillies, M. D. London, David Nutt, 270-271 Strand, 1896.” Cha ’n ’eil ni sam bith cho riachtanach ris am fios, mar tig an fhirinne tar éis a’ fheasa. Is doilig rim chridhe se Gaedhil h-Eireann agus Gaedhil Albann, clanna aon mhatar agus aon-teangtha a bhith aig creachadh a cheile, ’s gan de dhith ortha araon ach fios agus firinne. Tha na leabhair as an comhair ach cha leigh-fidis iad. Mise Gaedhel de sheana threibh na h-Eireann, agus do chara sa, RISTEIRD MAC FEORAIS MIC UILLIAM DE HENEBRE. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Seonaid Cheanadach, Valley Mills. Aonghas R. Mac Leoid, L’Ardoise. A. B. Mac Leoid, Grand River. An t-Urr Calum MacLeoid, Balie-nan-Gall. Gilleasbuig Mac Isaic, am Pon Mor. Padruig Mac ’Ille-mhaoil, Gleann Ainslie. Eachunn D. Mac Neill, South Bar. Eobhan Mac Leoid, Gabarus. D. J. Mac Eachairn, Port Hastings. Ceat Mhoireastan, Gut a Tuath. An t-Urr D. L. Domhnullach, Brook Village. An t-Urr Iain Friseal, Cladach a Tuath. Ceat A. Nic Fhearghais, New Boston. Aonghas N. Mac Amhlaidh, New Boston. An t-Urr Eoseph Domhnullach, Grand Mira. D. B. Mac-a-mhaighstir, Creagainis. Gilleasbuig Beuton, Cul Siudaig Bheag. Donnacha Moireastan, New Harris. Aonghas Mac Ascuill, Rudha ’n Rothaich. J. J. Mac-an-t-Saoir, Loch Ghabarus. Aonghas Domhnullach, N. S. Bouladerie. R. A. Mac Cormaic, Middle Cape. Micheil S. Mac Neill, Gleann Bharra. Gilleasbuig Domhnullach, B. L., Port Morien Niall Mathanach, Sidni. G. D. Mac Eachairn, Grand Narrows. Aonghas Gillios, Orangedale. Tormad Mac Leoid, Bucklaw. Domhnull Mac Gilleain, Meinn Chaledonia. Domhnull Mac-a-Phi, Glen Morrison. Aonghas Mac Cuithein, Framboise. Domhnull MacGill-fhinnein, Am’n. Dhennis An t-Onarach Uilleam Ros, Halifacs, N. S. Niall Stiubhart, Halifacs, N. S. Alasdair Mann, Halifacs, N. S. Domhnull MacNeill, Amhuinn a Deas, N. S. Aonghas Mac Isaic, Dartmouth, N. S. Bean Iain Mherlin, Springhill, N. S. Alasdair Domhnullach, Antigonish, N. S. An t-Urr. D. Siosal, P. P. Heatherton, N. S. Caiptean L. Moireastan, Coruna, Ont. Aonghas Caimbeal, Whitewood, Assa. Bean Alasdair ’Ic-a-Phearsain, Grenfell, Assa An t-Urr Dr. Henebry, Washington, D. C. R. R. Mac Fhionghain, New York. A. Mac Coinnich, San Francisco. Alasdair Mac Fhionghain, Boston, Mass. A. J. Mac Gille-bhrath, Boston, Mass. Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba. Seumas Mac Neill, Barraidh, Alba. Anna Nic Neill, Barraidh, Alba. Iain Ceamp, Waipu, New Zealand. Lieut. Mac Fhionnlaidh, Manila, ’s na h-Eileanan Philippeach. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. [TD 149] [Vol. 8. No. 19. p. 5] NAIGHEACHDAN. Shil dorlach math sneachda maduinn Di-domhnaich s’a chaidh; bha an lar air a chomhdach leis, ach thionndaidh an sileadh an uine bhig gu uisge, agus leagh an sneachda air falbh. Tha aireamh bhliadhnaichean o nach d’thainig an sneachda cho trath so. Tha meur de Bhanca Montreal ri bhi air fhosgladh anns a bhaile toiseach na seachdain s’a tighinn. Tha am banca so air aon cho laidir ’sa tha ann an Canada; ’se Morair Strathcona is ceann-suidhe air. Tha e fosgladh anns an togalach aig Daly mu choinneamh an Acadia House. Chaidh comunn a chur air chois anns a bhaile air an t-seachdain s’a chaidh air son bacadh a chuir air bhi deanamh droch dhiol ’sa toirt droch ceartas do ainmhidhean. Tha meur de’n chomunn so ri fhaotainn anns an aireamh a’s motha de na bailtean air feadh Chanada ’s nan Staidean, agus tha iad am bitheantas a deanamh feum mor. Tha Mr. H. M. Whitney an deigh coig ceud dolair a thoirt seachad air son leabhar-lann a bhaile, ni a tha dearbhadh gur miann leis cuideachadh a dheanamh leis a bhaile anns gach doigh. Cuiridh so an leabhar-lann air bonn math. Tha corr us mile leabhar ann cheana, agus leis an t-suim so, comhla ris na chuireas muinntir a bhaile fhein cruinn, faodar air a chuid a’s lugha uiread eile chur ris an aireamh sin air a gheamhradh so. Cha b’ urrainn ni a b’fhear a bhi ann am baile na deagh chruinneachadh de leabhraichean. Chaidh cleasaiche a mharbhadh le sgiorradh ann an tigh-cluich an New York aon oidhche o chionn ghoirid. B’e ’n cleas a b’ abhaist dha bhi deanamh a bhi glacadh le bheul peilear air a losgadh o cheann eile ’n taighe. Mar a bhiodh e ’ga chluich, cha b’e ’m peilear a bhiodh a’ dol dh’ an ghunna idir, ach cnap ceire, a leaghadh le lasair an fhudair ’s nach deanadh cron sam bith. Ach air an turus so, le cion faiceill no le mi-sheilbh air choir-eigin, ’se ’m peilear luaidhe chaidh ann, agus chuir e crioch air beatha a chleasaiche. Cha’n eil ach fior bheagan ri innseadh mu’n chogadh air an t-seachdain so. Tha an t-arm Breatunnach do’n Transvaal gun ruigheachd, agus mar sin cha do thoisich an fhior obair fhathast, ’s cha toisich gu ceann beagan lathaichean, ’nuair a bhios Buller agus na ceud bhuidhnean de chuid shaighdearan air an laraich. Tha na Boers a cur seisd ri baile Ladysmith, seorsa de dhaighneachd laidir a th’aig na Breatunnaich ann an Natal, ach tha an gearasdan, ged a tha iad moran na’s laige na na Boers, ’ga dhion gu duineil, agus tha dochas gu’n teid aca air a chumail gus an ruig cuideachadh iad. Tha e coltach, ged a tha na Boers air an deagh armachadh, nach eil aca gunnaichean-mora tha freagarrach air son seisde, agus mar sin nach eil iad a faighinn air adhart cho math ’sa dh’fhaodadh iad. Feasgar Di-luain s’a chaidh bha corr us da mhile dheug de’n arm Bhreatunnach air Cape Town a ruigheachd, agus bha duil ri aona mile deug eile ruigheachd Di-mairt no Di-ciaduin. Chaidh dithis dhaoine mhuinntir Newfoundland a ghoirteachadh aig an obair iaruinn Di-luain, le clachan a thuiteam orra; rinneadh droch ghearraidhean air na cinn aca. Tha a bhreac air bristeadh a mach ann an siorrachd Essex, an Ontario; tha i ann an aon tigh deug, agus tha fichead duine na laidhe tinn leatha. Thatar a’ deanamh na h-uile dhichioll air stad a chur oirre, agus tha e gle choltach gu faighear a cumail gun sgaoileadh. Fhuair an t-Ard-Riaghladh fios a Breatunn an la roimhe ag radh nach cuirte feum air reiseamaid eile a Canada anns an Transvaal, gu robh ’m pailteas shaighdearan aig Breatunn fhein air an t-slighe do’n duthaich sin air son na Boers a chisneachadh. Tha an ceud reiseamaid a nise gle dhluth air an ceann-uidhe; bha an soitheach air am bheil iad aig St. Vincent, anns na Cape Verde Islands, Di-donaich s’a chaidh. Tha ’n t-aite sin faisg air ceithir mile de mhiltean a Cape Town. Eadar oidhche Di-satharna ’s maduinn Di-luain, chaidh da chot-uachdair agus aireamh nithean eile a ghoid as an stor aig Mr. Harlow, an stor anns am b’ abhaist do’n Chaiptean Mac Neill nach maireann, a bhi cumail. Cha’n eil e ri fhaicinn gu’n do bhrist na meairlich ni sam bith, agus cha’n eil fhios ciamar a fhuair iad a stigh mur do dh’ fhalaich iad iad-fhein ann an cuil eigin nuair a bha’n stor fosgailte oidhche Shatharna. Cha d’fhuaireadh sgeul air co iad fhathast. Ann an Ontario, am Manitoba ’s anns an Iar Thuath, far am bheil moran crithneachd air a thogail gach bliadhna, tha na tuathanaich a cur feum air tomhas mor de chord caol air son ceangal nan sguab. Tha cuideachdan mora ann an Canada ’s anns na Staidean dh’ an aon ghnothuch a bhi deanamh a chuird sin, agus a reir a choltais, cha’n i prothaid bheag a tha iad a deanamh air. Tha aon de na cuideachdan sin a rinn air a bhliadhna chaidh seachad dolair de phrothaid mu choinneamh gach dolair a chuir iad anns a ghnothuch an toiseach. Bu choir dhaibh air a bhliadhna tha tighinn pairt dhe sin a roinn air na tuathanaich. Thachair droch sgiorradh a mach o Phort Hood Di-luain s’a chaidh. Chaidh seachd bataichean a mach a dh’ iasgach ’sa mhaduinn, ach mu mheadhon-latha thainig an stoirm orra, agus b’fheudar dhaibh an aghaidh a chur air tir. Bha dithis dhaoine anns gach bata. Ann an aon dhiubh bha Richard Smith agus a mhac Everett, agus nuair a bha iad a tighinn a stigh do’n acarsaid leis, chaidh a chur fodha le tonn. Rinn iad le cheile greim air a chrann, agus chum iad an crochadh ris mu dha uair; ach mu’n d’ fhuaireadh g’an ionnsuidh le bata, bha am mac air a dhol fodha, agus bha ’n t-athair cho fad air ais ’s gu’n do chaochail e mu’n d’fhuaireadh a thoirt air bord. Bhuineadh iad do Eilean Smith, agus cha robh an duin’ og ach naodh bliadhn’ deug a dh’aois. Tha e air aithris gu’n deachaidh bat’ eile chall mu choig mile tuath air Port Hood, ach cha’n eil fios am bheil sin fior. Tha an fhairge gle gharbh timchioll a chladaich so an am soirbheis, agus ’se so stoirm cho trom ’sa bh’ ann o chionn bhliadhnaichean. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan. Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean. Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries. THA AR PRISEAN GLE ISEAL. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRU DHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. Cotaichean Mackintosh, Ulsters, Cotaichean Uachdair, Reefers, Coon, Dogskin & Wambat. AIG J. C. Mills, Sidni, C. B. GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. [TD 150] [Vol. 8. No. 19. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 147.) fhag thu ’nad dheigh e ann am baile an luchd-iodhol-aoraidh. An urrainn dut innseadh dhomh ciod a tha e ’deanamh ann?” “Is urrainn le’r cead,” ars’ an sgiobair. “Theid agam air cunntas a thoirt dhuibh air na b’ aithne dhomh fhein m’ a dheidhinn. Beagan uine mu’n d’ fhalbh mi, rinn fior sheann duine aig am bheil garadh cordadh rium mu dheidhinn a thoirt leam an so. Thuirt an seann duine rium gu’n robh e ’na sheirbhiseach aige. Chunnaic mi an t-aite anns an robh e ag obair, agus is e sin a tha ’toirt orm a radh gur e duine bochd a th’ ann. Chaidh mi far an robh e an latha bha mi deiseil gu falbh. Bhruidhinn mi ris anns a’ gharadh, agus dh’ innis mi dha gu ’n robh cabhag mhor orm. Aithnichidh mi e ann an aite sam bith.” “Ma tha sin fior,” arsa Badoura, “feumaidh tu seoladh an diugh fhein gus a dhol gu ruige baile an luchd-iodhol-aoraidh, agus seirbhiseach an t-seana gharadair a thoirt leat an so gun dail; oir tha fiachan agamsa air. Mur dean thu so, gabhaidh mise greim air an luing, agus air na bheil de bhathar innte, agus is docha gu’n cuir mi thu fhein ’s an sgiobadh agus na marsantan do ’n buin am bathar gu bas. Dh’ ordaich mi dorsan nan taighean anns am bheil am bathar a ghlasadh, agus cha’n fhosglar iad gus an till thusa air d’ ais agus seirbhiseach an t-seana gharadair agad air bord. Sin na bheil agam ri radh riut. Bi falbh, agus dean mar a dh’ aithn mise dhut.” Cha’n fhaodadh an sgiobair aon fhacal a chur an aghaidh dhi. Bha fhios aige mur biodh e umhail, gu’n cailleadh e fhein agus na marsantan a h-uile ni ris an t-saoghal a bhuineadh dhaibh. Dh’innis e dhaibh mar a bha; agus chomhairlich iad dha a bhith grad fhalbh. Rinn iad a leithid de chabhaig ’s gu ’n fhuair iad a h-uile deisealachd a bhiodh feumail dhaibh air son an turuis air bord an lath’ ud fhein. Fhuair iad soirbheas cho fabharrach ’s a dh’ iarraidh iad gus an d’ rainig iad ceann an turuis. Bha ’n oidhche ann an uair rainig iad. O ’n a bha ’m beagan soirbheis a bh’ ann far an fhearainn, cha do chuir iad am mach acaire idir, ach chaidh an sgiobair agus siathnar dhe’n sgiobadh gu tir ann am bata faisge air an aite anns an robh an garadh aig Alsaman. Ged a bha e mu mheadhain oidhche an uair a rainig an sgiobair, cha robh Alsaman ’na chadal idir. Bha h-uile mi-fhortan troimh an deachaidh e, ach gu h-araidh mar a chaill e a thurus, ’ga chumail mar bu trice o chadal na h-oidhche. Bha e ’toirt a mhile mollachd air a’ mhionaid anns an do bhean e do ’n chrios aig Badoura. An uair a bha e mar so a’ smaoineachadh air gach ni amaideach a rinn e, chual’ e cuideigin a’ bualadh aig dorus a’ gharaidh. Leis a’ chabhaig a bh’ air gus a dhol a dh’ fhosgladh an doruis, cha d’ fhan e ri chuid aodaich a chur uime gu leir. Ach cha bu luaithe dh’ fhosgail e an dorus na rug an sgiobair agus na seoladairean air, agus thug iad leotha e an aghaidh a thoile do ’n luing, far an do chuir iad ann an geamhail e. Anns a’ mhionaid thog iad na siuil, agus sheol iad air falbh gus a dhol gu ruige Eilean Ebene. Gus a sid cha dubhairt Alsaman, no an sgiobair, no na seoldairean, facal ri ’cheile. Mu dheireadh labhair Alsaman ris an sgiobair, agus thuirt e, “C’ar son a tha thu ’g am thoirt air falbh an aghaidh mo thoile?” Mar fhreagairt dha so, thuirt an sgiobair ris, “C’ar son a tha fiachan aig righ Ebene ort fhein?” “An e mise! Ciod e chuireadh fiachan aig righ Ebene ormsa?” ars’ Alsaman, agus cainnt an sgiobair a’ cur moran ioghnaidh air. Cha’n ’eil eolas agam air. Cha robh gnothach sam bith agam ris riamh fhathast. Cha do sheas mo chas riamh anns an rioghachd aige.” Fhreagair an sgiobair, agus thuirt e, “Is ann agad fhein a b’ fhearr bu choir fios a bhith air sin na agamsa. An uine gun bhith fada, bidh agad ri bruidhinn ris an righ air do shon fhein. Gus a sin cha ’n ’eil agad ach cur suas gu foighidneach leis an t-suidheachadh anns am bheil thu.” (Ri leantuinn.) POL JONES. Rugadh an seoladair ainmeil seo aig Arbigland an Cille Cuithbeirt, ’sa bhliadhna 1747. ’Se Iain Poil a cheairt ainm, agus bha ’athair ’na ghairnealair aig Mgr. Craig, Arbigland. Bha e gle dheigheil air ceard an t-seoladair ionnsachadh, agus nuair nach robh e ach da bhliadhna dheug a dh’ aois chaidh e ’sa bheachd sin fo churam ceannaiche aig a’ Chaladh-bhan (Whitehaven). Chaidh e thairis a cheud uair ’sa bhlidahna 1760 gu Virginia far an robh brathar dha ag obair. Nuair a bha ’uine-cheangail deas, fhuair e uachdaranachd air bata a bha giulain nan traillean, ach bho nach do chord a leithid ris, thill e gu Albainn an 1768. Chaochail an Caiptean agus a’ cheud fear eile dhe’n sgioba nuair a bha iad a tighinn thairis, agus air iarrtus nan daoine air bord thug e an long dhachaidh gu sabhailt. Bha e air aghaidh ’s air ais iomadh uair eadar an da dhuthaich an deigh seo agus rinn e moran airgiod. ’Nuair a thoisich an cogadh Americanach fhuair e misneach bho ’n duthaich sin, agus chuir iad moran earbsa ann. Bho na thug iad cead dha seoladh far an togradh e fhein, dh’ fhalbh e air an 10mh la dhe’n mhios Giblean, 1778, do chladach Bhreatuinn agus leis an aon long aige chum e taobh tuath Shasuinn agus taobh deas Albainn nan eiginn gus an d’ fhag e. Thachair e air da bhata chogaidh Breatunnach anns a’ Chuan tuathach air 23mh la dhe ’n mhios Sultuine 1779, agus an deigh strith chruaidh rinn e an gnothach orra, agus thug e leis na daoine a bha orra gu Texel. Fhuair e claidheamh le dorn oir bho righ na Frainge airson na buaidh seo, agus aig deireadh a’ chogaidh rinneadh cuin cuimhneachain oir leis na h-Americanaich ’na onoir. Bha e an seirbhis nan Ruisianach an deigh seo agus an deigh iomadh muthadh agus tionndadh fhortain chaidh e gu Paris far an do chaochail e, gun chuid, gun chairdean, air an 18mh la dhe’n mhios Iuchar 1792. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Seacaidean Cotaichean Deiseachan Deante DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN. Curraichdean Ceannabharan Deiseachan Miotagan DO ’N CHLOINN. AIG J. C. MILLS, SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. [TD 151] [Vol. 8. No. 19. p. 7] AN RIGH AGUS AN COCAIRE ALBANNACH. ’Se duine geur, deas-bhriathach a bha ’s an Iarl Rochester sin a bha ann ri linn an dara Righ Tearlach. Bha an t-Iarl, air latha sonruichte, leis an righ, a bhan-righinn, am ministear-tighe, agus cuid de mhinisteirean na stait, comhla, a’ bruidhinn thairis air cuisean na rioghachd. An ceann ghreis thuirt an righ gu surdail—“Biodh ar smuaintean a nis air an cur fa sgaoil o ghnothuichean na rioghachd, agus thugaibh dhuinn gloine fial de’n fhion a tha ’toirt subhachais, mar a deir an Sgriobtur, do Dhia agus do dhuine.” Air so a chluinntinn thuirt a bhan-righinn gu modhail, nach robh i saoilsinn gu’n robh a leithid de fhacail ’s an Sgriobtur, agus nach bu lugha na toibheum na briathran uisneachadh. Fhreagair an righ nach robh e direach deas gus an caibdeal agus an rann a thoirt seachad, ach gu’n robh e fiosrach gu’n do choinnich e iad ann an leughadh an Sgriobtuir. Chaidh an gnothuch a chur ris a mhinisteir, agus bha a bheachd-san a’ co-chordadh ri barail na ban-righinn. Dh’ fhalbh Rochester, aig an robh amharus laidir gur e ’n righ a bha ceart, gu samhach a mach a cheasnachadh nan seirbheiseach, ach aon diubh cha b’ urrrainn leughadh ach Da’idh, an cocaire Albannach. Air a shon-son—thuirt iad—cha rachadh e taobh as eugmhais a Bhiobuill. Air do Dha’idh bhi air a ghairm, chuimhnich e ’sa mhionaid an da chuid an rann, agus an t-aite ’s an robh i ri ’fhaotainn. Thug Rochester an t-ordugh dha ’bhi deas a’ feitheamh, agus thill e far an robh an righ. B’ ann air an rann a bha ’chuideachd fathast a seanachas; mar sin, thairg Rochester fios a chur air Da’idh, a bha, ars’ esan, “mion-eolach air na Sgriobturan.” Chaidh Da’idh a ghairm a stigh, agus air a cheisd a bhi air a cur ris, thug e mach am Biobull, agus leugh e ’n rann. B’ ann ’s a chosamhlachd a fhuaradh i, far an robh craobhan na coille a’ dol a chur righ thairis orra—Breith. ix. 13—“Agus thubhairt an fhionain riu, “Am fagainn-se m’ fhion, a tha toirt subhachais do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhi air m’ ardachadh os ceann nan craobh?” Rinn an righ smeathadh gaire; ghuidh a bhan-righinn maitheanas air; thainig rughadh ’an aodann a mhinisteir. Thionndaidh Rochester ris an ollamh urramach sin, agus dh’fharraid e dheth am b’ urrainn da teagasg na rainn fhosgladh a suas dhoibh a nis o’n a fhuaradh i. Cha robh smid aige ri radh. Mar sin dh’ iarr Rochester air Da’idh am mineachadh a thoirt seachad. Fhreagair an cocaire ’s a mhionaid, ag amharc air Rochester ’an clar an aodainn. “An tomhas anns an toir fion subhachas do dhuine, is maith is aithne do ’r moraireachd”—cha’n ’eil teagamh nach faca Da’idh deur beag air dusan uair—“agus gu’n toir e subhachas do Dhia, theirinn, le cead na cuideachd, gu’n robh anns an aoradh fo ’n t-Seann Tiomnadh, tabhartais-bidh, agus tabhartais-dibhe. B’ ann do fhion an tabhartas-dibhe, oir bha e ’na shamhladh air fuil an Eadar-mheadhonair, agus bha so, mar a dh’fhaodar a radh, a toirt subhachais do Dhia, a chionn gu’n robh E deadh-thoilichte leis an doigh shlainte ’chuir E fein air chois; tre’n robh a cheartas air a riarachadh, a lagh air a choimh-liondh, a throcair a’ rioghachadh, a ghras a’ buadhachadh, uile iomlanachdan a’ comh-chordadh, am peacach air a shaoradh, agus Dia ann an Criosd air a ghlorachadh.” Dh’amhairc an righ air le iongnadh; shil deoir aig a bhan-righinn; agus an deigh do Rochester facal no dha gu math goirt a thoirt do’n mhinisteir, thuirt e le durachd ris an righ, gur ann a bu choir am ministeir a chur a sios do’n chidsinn a dh’ionnsachadh na cocaireachd, agus Da’idh a chur a stigh ’an aite a mhinisteir:—K. W. G. anns “An Fhianuis.” AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 152] [Vol. 8. No. 19. p. 8] Fionnaghal Dhomhnullach. LE IAIN MAC PHAIDEIN, GLASCHU. Tha sgailean nan linntean ag aomadh, ’Tighinn eadar mi ’s raon fada ’tuath, Tha farsuineachd cuain nan lunn gleannach, ’Tighinn eadar mi ’s cladach nan stuadh; Ach chi mi air airidh ’n crodh bainne, ’S tha bhanachag ag aithris a’ glaodh, Is chi mi gu guamagach caileag, Le slataig ’s i leanachd nan laogh. Mar iteag an fhithich o’n aonach, Bha dreach agus aosasg a dual, ’S gach camag a thuiteadh a riaghailt, I ga tilgeadh le miar thar a cluais, Suil chorach mar airneag ’san t-Sultainn,† ’Nuair laigheas an dealt oirre trom, Gruaidh thana air fiamh nan ros driseach, Cneas geal, mar bhlath sgithich air tom. Co smaoindich? ’san am ud, co shaoileadh? Na bha’n dan dhith ’s ag aomadh ’ga coir, No luaidheadh ri Fionnaghal a chrannachair ’Bha am Freasdal a dealbh dhith na stor, Ach coma, rinn tim mar is gnathach, A nochdach, san sgail thoirt a thaobh, ’S thug euchdan na h-ainnir gheal, mhuirneach, Deoir aoibhnis o shuil iomadh laoich. Cha b’ ann ’n uair bha ’n Prionnsa gu buadhach, An caistealan uaibhreach ri muirn, Dh’ iarr Fionnaghal a chomunn no aoidheachd, No cead tighinn le aoidhean da chuirt, Ach ’n uair a bha’n t-aonranach truagh dheth, Mar shionnach ga ruagadh ’s na chas, Us fios aig na h-uile ’san uair ud, Na ’n ghlacht’ e gur luath bhiodh a bhas. Gur h-iomadh fear treun nach robh aoibhinn, A latha sa dh’ oidhche fo sprochd, An duil leis gach sgeul gu ’m biodh sgiorradh— Ri innseadh mu ’n iomalach bhochd, Gach bealach fo fhreiceadain laidir, Luingeas a rasladh a’ chuain, Am fudar ’s e ullamh gu lasadh, An staillinn ’s i mach as an truaill. Bu ghionach bha namhaidh a’ Phrlonnsa, Gu diorrasach, dluth air a ruaig, Cho fuilteach ri mial-chu air riasglach, Is saoghan‡ o ’n fhiadh na chluais, An cunard mar fhuaradh nam frasan, A sputadh gu bras troimh gach gleann, Gun doigh na gun seol air dol as aig’ ’S na miltean gu bhrath air a cheann. B’ann an sin a chuir euchdag nam buadhan Cagar an cluais a fear daimh, Dh’ innis i dhasan a diurais,§ Is dh’ aslaich i stiuradh fo laimh, Gu smacail deadh bheusach, ro chliuiteach, Threoirich i ’m Prionns’ troimh gach cruas, ’S chuir i naimhdean air seachran claoidhteach, Is esan air luing thar a’ chuain. Spart fior-ghlan, na h-iocshlaint gun truailleadh, Cha dean aois, ach a luach, ’chuir a’ meud, Cha bhreothar le bruthainn na duais e, ’S cha reothar le fuarrachd no eud, Is ionnan sud ’s buanas do chliu-sa, Cha leigear a muchadh no chall, E daonnan fo ur-bharr ’s fo dhuilleach, Gorm, dosrach, mar chuilionn nan alt. Ni Breatunn ort luaidh am beo-dhurachd, ’S cha ’n fhaigh thu dad cliu nach do thoill, ’S ni Alba, t-ainn altrum gu muirneach, Mar aileag ghlan chubhraidh gun fhoill, ’S mar Ghaidheil, tha againne faillean, Is cuimhneachan maireann ri ’r beo, A’ neamhaid o ’m fad’ o’n d’ thig soillse, ’S i baoisgeadh a Eilean a’ cheo. Cho fad’ ’sa thig sneachd o ’na speuran, Na chleideagan geal air a bheinn, No druchd air na machraichean feurach, ’S na h-eoin air na geugan a’ seinn: Cho fad’ sa bhios gaineamh air cladach, Is cobhar, mar chanach air sruth, Bidh Fionnaghala Dhomhnullach barrachdail, ’S gur binn leinn a h-ainm o gach guth. † September. ‡ Panting. § Secret. Uaighean Teaghlaich. Gu maiseach dh’ fhas iad taobh ri taobh, ’S an aon tigh, b’ ard am fuaim; Tha ’n uaighean fada, fad’ o cheil’, Thar bheann, ’us shruth, ’us chuan. Am mathair chrom gu caomh os cionn, A leanaban, ’s iad ’n an suain: Gach fluirein maoth bha ’m beachd a sul, C’ait’ an do thriall iad uainn? Tha fear ’na luidh’ an coill’ ’s an Iar, Taobh sruthain dhorch tha ’thamh, Fad as an tir nan Innseanach, Fo sgail nan seudar ard. Tha fear ’na luidh’ an grunnd a chuain, Dha-san bu mhor an gradh; Ach deoir o shuilibh chairde gaoil, Cha tuit air ’uaigh gu brath. Tha fear ’na luidh’ an tir mu dheas, Measg fhion-lios anns na Spainn; A’ bhratach phaisg e timchioll air, ’Nuair thuit e anns a’ bhlar. Tha te fo ’n uir ’s an Eadailte, Shearg i mar bhlath an fheoir, An t-aon mu dheireadh ’dhealaich ruinn De ’n teaghlach mhaiseach og. Mar so tha chlann ud dealaichte, Fo ’n chraoibh bha ’cluich le cheil’; ’S aig glun am mathar ’thog an guth, A ghuidhe beannachd Dhe. B’ iad sud a lion an tigh le ceol, ’S le solas luchd an gaoil; Bu truagh sinn mur biodh ait a b’fhearr, Air fhagail dhuinn na ’n saogh’l! Tha caraid a Boston ag iarraidh oirnn an t-oran a tha toiseachadh mar a leanas fhaotainn dha: “’Se fath mo mhulaid, ’S gu’n dh’ fhas mi duilich Bho’n dh’ fhag mi buileach an t-aite; ’S ann fada mu thuath An iomall a chuain, Tha ’n t-eilean ’s an d’ fhuair mi m’ arach.” Cha’n eil cuimhn’ againn air an t-oran a chluinntinn riamh, ach ma tha e aig aon sam bith de ’r leughadairean, bhiomaid ’na chomain na ’n cuireadh e gu ’r n-ionnsuidh e. Chual’ ar caraid cuid-eigin ’ga sheinn air a charbad eadar so us Boston, agus ghabh e tlachd cho mor dheth ’s gu bheil e air son e-fhein agus feadhainn eile ionnrachadh as a MHAC-TALLA. BAS. —Ann an Sidni, Di-satharna s’a chaidh, an 11mh latha, Aonghas Domhnullach, tri fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Bhuineadh e do St. Anns, agus bha e comhnuidh ann an Sidni o chionn aireamh bhliadhnaichean. Cha robh e tinn ach aon latha. Dh’ fhag e bantrach, triuir mhac agus ceathrar nighean. Am Feillire. NOBHEMBER, 1899. 1 Di-ciaduin An t-Samhuin. 2 Dior-daoin La nam marbh. 3 Di-haoine 4 Di-satharna 5 DI-DONAICH XXIV. Donaich na Caingis. 6 Di-luain Posadh Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1750. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin Bas Dhun-Scotuis, 1308. 9 Dior-daoin Areith Bhaltar Geikie, 1795. 10 Di-haoine Breith Fhir Chuilfhodair, 1685. 11 Di-satharna 12 DI-DONAICH XXV. Donaich na Caingis. 13 Di-luain La Sliabh an t-Siorraimh 1715. 14 Di-mairt 15 Di-ciaduin Glacadh Baile Charlisle, 1745. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine 18 Di-satharna 19 DI-DONAICH XXVI. Donaich na Caingis. 20 Di-luain Breith Um. Blackwood, 1776. 21 Di-mairt Bas Sheumais Hogg, 1835. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin 24 Di-haoin Bas Iain Cnocs, 1572. 25 Di-satharna Bas Sheann Thormoid Mhic Leoid, 1863. 26 DI-DONAICH 27 Di-luain La Phentland, 1666. 28 Di-mairt 29 Di-ciaduin 30 Dior-daoin An fheill Anndrais. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 3, U. 6, M. 13 M A Cheud Chairteal L. 10, U. 9, M. 21 M An Solus Lan L. 17, U. 6, M. 5 M An Cairteal mu Dheireadh L. 25, U. 2, M. 21 M NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - - - C. B [TD 153] [Vol. 8. No. 20. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 24, 1899. No. 20. LITIR A ALBA. Bodachan a’ gharaidh Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a’ gharaidh Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA,—Ma dh’ innseas mi an fhirinn, feumaidh mi radh nach ’eil fhios agam gu ro mhath cia mar a thoisicheas mi ri sgriobhadh na litreach so. Tha dluth air bliadhna o’n a sgriobh mi an litir mu dheireadh ugad. A nis, cha ’n ’eil ni a’s nadarra do dhuine an uair a ni e dearmad air sgriobhadh gu dluth charaid na teannadh ri gabhail a leithsgeil fhein. Tha am facal “leithsgeul” a’ ciallachadh, leith sgeul; sin ri radh, gu ’m bheil am fear a tha gabhail a leithsgeil fhein a’ cumail an darna leith dhe’n fhirinn an cleith. Ann am brithran eile, tha’n darna leith dhe na their e ’na fhirinn, agus an leith eile ’na bhreig. A nis, o’n a tha so fior gu leor, an aite dhomhsa teannadh ri gabhail mo leithsgeil, is ann a dh’ aidicheas mi gu saor gu’m bheil e ’na chuis naire dhomh dearmad a dheanamh air sgriobhadh ugad. Bha mi gle thrang aig obair, mar a dh’ fhaodas tu fhein a thuigsinn; ach ged a bha, b’ iomadh uair o chionn bliadhna a dh’ fhaodainn sgriobagan a chur ugad, nan do chuir mi suim anns a’ ghnothach mar bu choir dhomh. Ma bhios fior thoil aig duine obair a dheanamh, cha’n eagal nach fhaigh e am, moch, no anamoch, no meadhain latha gus a dheanamh. Sin agad an fhirinn ghlan air a h-innseadh dhut. Ged a rinn mise dearmad air sgriobhadh ugad, tha Gaidheil ghasda, choire ann an iomadh cearn dhe ’n t-saoghal a tha an drasta s’ a’ rithist a’ cur rompa gu’n cuir iad naigheachdan agus sgeulachdan g’ ad ionnsuidh a tha toirt fiosrachaidh agus toileachas inntinn do gach aon dhe do luchd-leughaidh. Gu ma fada beo iad ’s ceo as an taighean. Ach tha moran Ghaidheal air feadh an t-saoghail a tha gle chomhasach air sgriobhadh ugad, nan togradh iad an dragh a ghabhail. Tha eagal orm gu’m bheil an galair a bha orm fhein orra—am mi-churam. Agus ged nach e galair craidhteach a th’ann, tha e ’deanamh cron gu leor anns an t-saoghal. Cha’n ’eil sunnd sgriobhaidh orm a’ nochd idir. Thainig orm eirigh an diugh mu dha uair ’s a’ mhadainn gus a dhol air cheann gnothaich dhomh fhein, agus cha deachaidh norradh air mo shuil o’n uair sin. Mar a dh’ fhaodas tu thuigsinn, tha mi car neo-shunndach le cion a’ chadail. Ach bha mi latha dhe mo laithean agus bu bheag a chuireadh e orm ged a bhithinn tri oidhche ’nam chaithris. Dh’ fhalbh an latha sin, agus cha’n ’eil duil ri e thilleadh gu brath. An uair a tha’n oige agus an fhallaineachd aig daoine, theid aca air moran math a dheanamh, ma thogras iad fhein. Nan gabhadh daoine oga na Gaidhealtachd suim mar bu choir dhaibh do’n Ghailig, cha b’eagal nach soirbhicheadh leatha. Is goirid an uine gus am bi mise agus an aireamh a’s mo dhe na seann daoine a tha an drasta ’s a rithist a’ sgriobhadh ugad, air ar toirt air falbh; agus tha dochas agam gu’n seas na Gaidheil oga, thapaidh, a tha leughadh a’MHIC-TALLA, ’nar aite, agus gu’n cum iad gu treun, duineil suas bratach bhoidheach, bhaidealach na Gailig anns gach cearn dhe’n t-saoghal mu’n iath a’ ghrian. Cha robh am ann o’n is cuimhne leamsa anns an robh a leithid de chothrom aig na Gaidheil air cuideachadh a dheanamh leis a’ Ghailig ’s a th’ aca an diugh. Tha na leabhraichean Gailig moran na’s pailte na bha iad riamh, agus gheibhtear iad air pris gle iosal. Tha Comuinn Ghailig ann an iomadh baile-mor air feadh an t-saoghail, agus bu choir do gach fior Ghaidheal a bhith ’na bhall do ’n Chomunn Ghailig a’s fhaisge dha, agus cur roimhe gu’n sgriobh, gu’n leugh, agus gu’n labhair e Gailig cho math ri fear sam bith. Nan deanadh iad so, cha b’ eagal nach soirbhicheadh leis a’ Ghailig. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is e lionmhorachd nan lamh a dh’fhagas an obair aotrom.” “Cha sluagh duine ’na onar.” Ged a tha thusa ’deanamh barrachd air son na Gailig na rinn fear riamh romhad, cha ’n urrainn dut a h-uile rud a dheanamh. Ach biodh misneach mhath agad. Mur ’eil mise air mo mhealladh gu mor, theid leat gu math. B’abhaist do “Chabar feidh” a bhith ’sgriobhadh ugad gu math tric a Lunnainn. Tha mi ’n dochas nach d’eirich beud dha, an duine coir. Tha deadh sgriobhadair agus smior a’ Ghaidheil ann am Mosomin, a b’abhaist a bhith ’cur litrichean g’ad ionnsuidh. Tha mi ag ionndrainn nach ’eil mi ’faicinn guth uaithe anns a’MHAC-TALLA. Tha mi ’n dochas gu’m bheil e beo, slan agus gu’n cuir e sgriobgan ugad as an aite fhuar ud mu’n teirig a’ bhliadhna. Ach tha iad ag innseadh dhomhsa, ma ’s e gus nach e an fhirinn a th’ ann, gu’m bheil an t-aite ud cho fuar ’s gu ’m bi an inc a’ reothadh ann. Agus ma tha sin fior, feumar a leithsgeul a ghabhail. Ach o’n is duine innleachdach e, is neonach leam mur teid aige air doigh air choireiginn fhaotainn leis an dean e sgriobhadh. Is cuimhne leamsa daoine ’bhith sgriobhadh le bior guail, mur biodh doigh eile aca air sgriobhadh a dheanamh. Tha mi ’g ionndrainn gu mor nach ’eil mi ’faicinn guth o Chona. Cha ’n ’eil fhios nach d’fhalbh e comhladh ris na daoine treuna, calama, colgarra, a chaidh gu ruige Africa acheannsachadh nam Bodheirach. Tha moit gu leor oirnne ann an Alba air son cho duineil ’s tha muinntir Chanada gu leir a’ seasamh air taobh na Banrigh. Is cinnteach gu’m bheil deur math de dh’fhuil nan seann Ghaidheal a’ ruith ann an cuislean nan armunn fial, foghainteach a chaidh do’n chogadh. Tha toil aca “cothrom na Feinne” fhaicinn aig na daoine air am bheil na Bodheirich a’ deanamh eucoir. “Gu robh buaidh leis na seoid ghuineach, gharg, agus bheo.” Tha mi ’cur romham gu’n sgriobh mi ugad gu math tric air a’ gheamhradh so. “Chi sinn; chi sinn,” ars’ thusa. Is mi do charaid an latha chi ’s nach fhaic, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Latha Samhna, 1899. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLII. DOL A DH’ FHALBH DHACHAIDH. Sanntach ’s mar a bha sinn uile, dh’ aidich sinn uile gu’n robh gu leor dhe ’n or againn air a bhuinig, o nach robh doigh againn air am barrachd dheth a ghiulan dhachaidh leinn, agus shuidhich sinn gu ’n deanamaid deiseil gu falbh gun dail sam bith. Ach ged a bha sinn an deigh fortan math a dheanamh, agus sinn uile gu slan, fallainn, a dh’aindeoin gach sgios is uidil is anastachd a dh’fhuiling sinn, bha curam mor is eagal oirnn nach ruigeamaid dhachaidh cho sabhailte ’s bu mhiann leinn. Ged a tha e nar ri innseadh, bu mho a bha de churam oirnn mu thimchioll na bha againn de dh’ or na bha oirnn mu thimchioll ar beatha. Is minic a bha mi o’n uair ud a’ smaoineachadh air cho fior ’s a tha’n sean-fhacal a tha ’g radh, “Mar is lugha do chuid ’s ann is lugha do churam.” Tha duil aig na daoine a tha ann am bochdainn crannachuir, gu’m biodh iad cho sona ’s a tha’n latha cho fad, nam biodh am pailteas de dh’ or ’s de dh’ airgiod aca. Ach tha iad air am mealladh gu mor. Cha ’n e mor phailteas de nithean an t-saoghail so a tha ’deanamh dhaoine sona idir. Is ann a tha e mar is trice ’gan deanamh moran na’s mi-shona na bha iad riamh. Is e an duine sona, an duine a chuireas roimhe gu’m bi e riaraichte le a staid, ge b’e air bith staid anns an tachair dha ’bhith. Chuir sinn romhainn gu’m fanamaid beagan laithean anns an uamhaidh, gus beagan fois a ghabhail, a chum sinn fhein fhaighinn air doigh, agus ar n-anail a leigeadh gu math. Nan do thachair an t-side ’bhith fabharrach, is docha gu’n robh sinn air grad fhalbh. Ach thainig uisge trom agus ceo tiugh anns an am, agus thuig sinn nach robh e sabhailte dhuinn falbh air astar fada ri leithid de shide troimh dhuthaich anns nach robh sinn eolach. Air eagal gu’n tachradh daoine ruinn a bheireadh uainn ar cuid dhe’n t-saoghal, agus, ma dh’ fhaoiteadh, ar beatha, shuidhich sinn nach tilleamaid air a’ cheum air an d’ thainig sinn idir. Ach nan d’ thug sinn a’ chuis gu curamach fa near aig an am, dh’ fhaodamaid a thuigsinn gu’n robh e cheart cho dualach gu’n tachradh beud is cunnart dhuinn air rathad sam bith eile. O’n a bha sinn an deigh ruith am mach buileach glan a biadh, smaoinich sinn gu ’m bu choir dhuinn a dhol a shealg; oir ged a bha sinn a creidsinn gu’n tachradh measan dhe gach seorsa ruinn air ar turus, bha sinn ag radh eadrainn fhein, nach bu mhisde sinn beagan de dh’ fheoil no de shithinn fhaotainn, nam biodh rathad air. An uair a chaidh an t-uisge na bu lugha, agus a thog an ceo bhar a’ chomhnaird, thog sinn oirnn, agus dh’fhalbh sinn a shealg. Chum sinn sios ri srath na h-aimhne air eagal gu’n rachamaid iomrall. Cha deachaidh sinn gle fhad air ar n-aghart an uair a thug sinn an aire do bhaidean de’n chrodh fhiadhaich ag ionaltradh air a’ chomhnard beagan astair o bhruaich na h-aimhne. Fhuair sinn gu math dluth dhaibh mu’n do stad sinn. Air eagal faragradh a chur orra cha deachaidh ach dithis dhinn cho dluth ri urachair [TD 154] [Vol. 8. No. 20. p. 2] gunna dhaibh. Loisg iad orra le cheile, agus mharbh iad agh mor, briagha dhiubh. Ruith sinn uile far an robh e, agus bha sinn greis ag amharc air. An sin thoisich sinn ri ’fheannadh, agus cha robh sinn fada ris. An uair a bha sinn ’ga ghearradh ’na spoltan, agus gun smaointean sam bith againn aig an am gu ’n robh cunnart no gabhadh sam bith faisge dhuinn, chuala sinn fuaim a chuir clisgeadh air na cridheachan againn. Ann an tiotadh dh’ aithnich sinn gur e farum chasan each a bh’ann. Chuir sinn ar cluas ri claisneachd car tiotaidh, agus thuig sinn gu’n robh am fuaim a’ sior dhluthachadh oirnn. Cho luath ’s a bh’ againn dh’ fhalbh sinn leis an fheoil, agus o’n a bha ’n ceo air tuiteam gu math dumhail aig an am, bha sinn a’ smaointean nach fhaiceadh na marcaichean sinn. An uair a rainig sinn bruaich na h-aimhne, bha sinn an duil gu ’n robh sinn sabhailte gu leor. Ghabh sinn air aghart cho cabhagach ’s a b’ urrainn duinn. Ach ged a bha bruaich na h-aimhne ’g ar falach, cha robh e furasda dhuinn cabhag a dheanamh. Bha aiteachan a’ tachairt ruinn a bha cho cas ’s gur gann a bha sinn comasach air a dhol seachad orra. An uair a bha sinn mar so a’ falbh gu h-eigionnach ri bruach na h-aimhne, smaoinich sinn gu ’m bu cho math dhuinn an fheoil fhagail ann an sgor creige, agus cabhag a dheanamh feuch an tugamaid am mach an uamha gun fhios do na marcaichean. Cha deachaidh sinn ro fhad’ air ar n-aghart ’na dheigh sid an uair a thuig sinn gu’n robh na marcaichean gu math dluth air bruaich na h-aimhne. Dheonaich Balso a dhol a ghabhail fabhuir orra feuch am faiceadh e an robh moran ann diubh, no an robh coltas orra gur ann air ar toir a bha iad. Dhirich e suas ann an aghaidh creige mar gu’m biodh cat ann, agus bha eagal oirnn a h-uile mionaid gu ’n cailleadh e ’ghreim, agus gu’n tuiteadh e car ma char a nuas leis a’ chreig. Mu dheireadh raing e suas, agus chaill sinn sealladh air. Bha sinn, tha mi ’creidsinn, pailt uair an uaireadair ’nar cruban aig bonn na creige, agus cha robh facal a’ tighinn a ceann fir seach fir dhinn. Ged nach robh sinn ag radh facal, bha mile smaointean ag eirigh suas anns na h-inntinnean againn. Bha eagal oirnn gu’n cailleamaid ar beatha, oir aig an am ud, agus ’na leithid a dh’ aite, far nach deanadh lagh no binn greim air luchd an uilc, bha fhios againn gur docha gu’n cuirteadh gu bas sinn gun mheachantas sam bith, nam faighteadh greim oirnn. Bha sinn mar an ceudna fo churam mu thimchioll na bh’ againn a dh’ or anns an uamhaidh. Mu dheireadh thainig Balso air ais, cha b’ann an rathad a bha suil againn ris; oir ged a chaidh aige air a’ chreag a dhireadh le fior eigionnas, cha robh e an comas dha tearnadh air a’ cheart cheum air an do dhirich e. An uair a chunnaic sinn a tighinn e, thog ar cridheachan leis an toileachadh. Am mach o Thomas, b’e Balso am fear bu treine ’s bu tapaidhe, agus a b’ innleachdaiche a bha ’nar measg. Ann an iomadh doigh, bha e air thoiseach air Tomas fhein. B’e an cron bu mho a bh’ air, gu’n robh e car dana ann an am cunnairt. An uair a rainig e sinn, thuirt e, “Tha eagal orm gu’m bheil sinn ann an cunnart araon ar cuid dhe ’n t-saoghal agus ar beatha ’chall. Tha coltas anabarrach borb, aineolach air na daoine; agus tha mi ’deanamh am mach gu’m bheil corr ’s a fichead ann diubh. Tha cuid dhiubh a’ deanamh direach air a’ bhad anns am bheil an uamha. Tha iad a marcachd gle shocair, agus tha an suil air an lar mar gu’m biodh iad air son ar leantail air ar luirg do’n uamhaidh. Ach ma tha gus nach ’eil iad comasach air ar lorg a dheanamh am mach troimh an fheur agus troimh na preasan, saoilidh mi nach urrainn daibh ar lorg a leantail an uair a ruigeas iad an lub a th’ air an amhainn an taobh so dhe’n uamhaidh. Mur b’e cho tiugh ’s a tha’n ceo bha mi air sealladh na b’ fhearr fhaotainn diubh. Ach mur ’eil mi meallta ’nam bharail, is iad na ceart dhaoine a chunnaic sinn roimhe, agus o’n d’ thug sinn am fudar ’s an luaidhe. Chuala mi fear dhiubh a’ toirt orduigh do chach, agus saoilidh mi air fuaim a bhruidhne gur e Sasunnach a th’ ann.” An uair a chuir sinn ar comhairle ri ’cheile, shuidhich sinn gu’n gabhamaid air aghart thun na h-uamha, agus, nam b’e ’s gu’m faigheadh iad greim oirnn, gu ’m biomaid reidh riutha ged a bheireamaid dhaibh an earrann bu mho dhe na bhuing sinn de’n or. Bhuail e anns an inntinn agamsa gur docha gur e Daniel Sampson, am fear a chuala Balso a’ bruidhinn; agus an uair a dh’innis mi mo bharail do chach, ghabh sinn an tuilleadh de mhisneach. Bha sinn a’ creidsinn nach grad mharbhadh iad sinn, eadhoin ged a bhiodh iad air son ar cuid dhe’n t-saoghal a thoirt uainn, o’n a dh’ aontaich sinn uile nach togamaid lamh ’nan aghaidh. Cha b’e ghealtachd a thug oirnn so a dheanamh idir; ach bha fhios againn gu’n robh iad tuilleadh is laidir air ar son, agus gu’m b’ fhearr dhuinn gu mor a bhith reidh riutha na teannadh ri cur ’nan aghaidh. (Ri leantuinn.) Is searbh an obair a bhi diomhain. Cha’n ’eil ni sam bith ann a dh’fhagas duine ann an staid ni ’s truaighe na bhi diomhain. Cha’n ’eil aobhar truais ann a ta ni’s mo na daoine aig am bheil uine ’nan laimh fein, agus gun a bhi faicinn car aca ri dheanamh. CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN. (Air a leantuinn.) DIAR-DAOIN. Bha’n latha so fliuch, fuar, dorcha. Bha am beachd na cuideachd, mar bhith so, ’dhol a luingearachd air Loch-Taighe. Bha bataichean riomhach deas fo’n lan uidheam, le’n sgiobadh taghta—am measg chaich, birlinn shnasmhor a thainig fad an rathad a Lunnainn airson na Ban-righ; ach snasmhor mar bha i, bha birlinn ann a thogadh le Gaidheal Earraghaidhealach, fear Mac-Neacail ann an Grianaig, a thug barr oirre ’nuair thainig latha na deuchainn. Chaidh a’ Bhan-righ, an deigh a biadh-maidne, a choimhead an tigh-bhainne, far am fac i ’bhanarach a’ deanamh ime a muidhe China, ’se sin, muidhe de ’n stuth de ’m bheil na cupaichean-tea riomhach air an deanamh; agus ’sann le cuachan ’us acfhuinn airgid bha ’n t-im air a dheanamh, gun lamh a dhol ’ga choir. Na dheigh so, choisich i fein agus a Bhan-mhorfhear feadh nam paircean. Chaidh am Prionnsa ’mach a dh’ fhiadhach, no shealgaireachd, mu mheadhon-latha, agus Sir R. Peel a’s cuid eile de na h-uaislean leis. Cha’n ’eil an Albainn ait’ airson fiadhaidh cosmhuil ris a bheinn os-cionn Tigh-a’-Bhealaich. Tha gach seors’ ann is urrainnear ainmeachadh do dh’ eoin ’s do bheathaichean ceithir-chasach, agus iomad seorsa nach ’eil r’am faotuinn an ait’ air bith eile ’san rioghachd. Cha’n e amhain fiadh ’us earba de gach gne, ach mar an ceudna an damh-alluidh, damh fiadhaich America agus seann tarbh-alluidh na h-Alba—cearcan-fraoich, cearcan-tomain, caoilich-dhubha, an liath-chearc, an easag, an cabar-coillte, an stoirmeagan (ptarmigan), ’s mar sin. Chaidh ceud-gu-leth Gaidheal a mach leo, de’n robh buidheann thaghta leis a’ Phrionns.’ Bha aigesan tri ghunna-caol, agus da bharaille anns gach gunna. Bha ceathrar a’ cur a stigh na h-urachrach ’s esan a losgadh. ’Sann an sin a bha ’n raoceil ’s an langanaich! Ann an tri uairean a dh’uine, leag e le ’laimh fein, naoi-deug earba, gun tighinn air eoin! Mu bheul an anmoich, chunn’cas buidheann do “ghillean an eilidh” a’ tighinn, a’s piobair’ air an ceann, leis an t-seilg air cabair. Thainig a’ Bhan-righ a mach a dh’ fhaicinn an t-seallaidh—sealladh nach fac i riamh a choimeas, ’s ma dh’ fhaoidte, mar tig i do thir nam beann a ris, nach faic i r’a beo. Leag Sir R. Peel agus na h-uaislean eile cunntas gun aireamh do dh’eoin dhubha ’s dhearg, a’s riabhach; ’s thainig iad dhachaidh leo. ’San fheasgar, chaidh a’ chuideachd fhlathasach a mach, cuid an carbadan ’s cuid a’ marcachd, a choimhead na duthcha. Chaidh iad troimh Cheann-mor, agus deas gu ceann Loch-Taighe—suas an cois an loch, rathad ur a rinneadh air an son fein. Phill iad rathad Chill-inn, an deigh cuairt fhada ’ghabhail, agus moran do dhuthaich aluinn fhaicinn. DI-HAOINE. Bha maduinn an latha so caileigin fliuch; ach ged bha, cha do chum so Prionns’ Albert agus am Morfhear as na monaidhean. Chruinnich na Gaidheil a ris ma choinneamh nan uinneag. Sheid na pioban, ’s thoisich an dannsa. Sheas a Bhan-righ a coimhead air na gillean, anabarrach toilichte. Bha ’n lobhta-chlair cail-eigin sleamhuinn leis an uisge, ni thug leagadh a h-aon no dha, agus a thug a mach anabar gaireachdaich ’us fearais-chuideachd; agus bu bhoidheach ri fhaicinn a h-uile fear a thuiteadh, co deas ’s a bha e air a bhonnaibh, ’s a’ ruidhleadh mar nach tachradh dad. ’Nuair thainig an oidhche, bha bal mor ’sa chaisteal. Bha da cheud a lathair de uaislean na tire—cuideachd eireachdail. Dh’ fhosgail am Morfhear agus a’ Bhan-righ am bal, maille ri Prionns’ Albert agus a Bhan-mhorfhear. Chumadh suas an ceol ’s an dannsa gu math blath gu meadhon-oidhche, ’nuair chaidh iad uile gu tamh. DI-SATHUIRNE. Bha’n latha so grianach, soilleir. Bha e air a shocrachadh riomh-laimh gum fagadh a’ Bhan-righ agus a ceile posda Tigh-a’-Bhealaich air an latha so—caisteal fialaidh an t-sugraidh ’s na carthanachd! Mu ’n d’ fhalbh i, chaidh i fein agus Albert do ’n gharadh, far na chuir i, le ’lamhan fein, da chraobh og dharaich, agus da chraobh ghiubhais, mar chuimhneachan air a cuairt thaitnich. Na dheigh so chaidh iad sios gu taobh an loch, a’s chaidh iad air bord nam bataichean riomhach a bha ri’n aiseag. Bha bhirlinn anns an robh a’ Bhan-righ agus am Prionns’ air a stiuradh le Mac-Dhughail, Lathurn—a’ bhratach rioghail am barr a croinn, ’s gach ni mu’n cuairt di cho oidheirc ’s cho cosdail ’s a b’urrainn duine dheanamh. Dh’fhalbh ceithir bataichean, aon air aon: ’s mar dh’fhag iad tir-mor, loisgeadh na gunnachan-mora o gach cnoc; agus da rireadh cha bu shealladh suarach so—an cabhlach beag riomhach a’ treabhadh Loch-Taighe, a’ giulan dhaoine mora ainmeil, agus Ban-righ a’ chuain mhoir, ’s a’ bhratach nach do striochd; agus so uile air loch uisge an meadhon beanntan Gaidhealtachd na h-Alba! Tha cuid a bha lathair ag radh nach robh sealladh a chunnaic a’ Bhan-righ an Albainn bu mho thaitinn rithe an so! Chaidh a nis a’ choisridh rioghail air tir aig Achamor, ait’ a bhuineas do Mhorfhear Bhraidalba, far an robh dinneir thrath air a deasachadh airson na cuideachd. ’Sann an so a dhealaich a’ Bhan-righ agus am [TD 155] [Vol. 8. No. 20. p. 3] Prionnsa ri Mor-fhear Bhraidalba, agus ris a’ Bhan-mhorfhear aille chuirteil; agus is airidh Braidalba air taing a dhuthcha. ’S cinnteach sinn nach di-chuimhnich a’ Bhan-righ fhad ’s is beo i a liuthad doigh a ghnathaich am flath urramach, agus a cheile, gus an aoidhealachd ’s an dilseachd a thaisbeanadh. Ann an Cill-inn, thachair oirre, mar anns gach ait’ eile, mor urram. Cha robh aon ni a b’urrainn an sluagh a dheanamh chum a failteachadh mar bu choir, nach d’ rinn iad. Ghabh na carbadan air an aghart troimh Ghleann-Dochaird gu ceann Loch-Earn, ’s mar sin air an aghart troimh Shrath-Earn, gu Caisteal Dhrumain. Rinn a’ Bhan-righ air an latha so astar mor; ’s ged bheireamaid cunntas air na thachair, cha bhiodh ann ach ag innse na dh’ innis sinn cheana. Rainig iad CAISTEAL DHRUMAIN, DI-SATHUIRNE. Cha’n facas latha bu ghrianaiche agus bu chiuine na ’n latha so, ’s gu dearbh bu ghreadhnach togarach an sealladh baile Chraoibh (Crieff) air an latha so? Bhruchd sluagh na duthcha an so, mar anns gach ait’ eile, a thoirt di-bheatha d’ am Ban-uachdaran shaoghalta. Bha iomad a chaithris an oidhche, ’s a thainig fichead mile air astar ’ga coimhead. Bha tuathanaich chothromach teaghlach Dhrumain, air a bheil Morfhear Willoughby ’nis mar cheann, a’ marcachd air an gearrain ghasda fein—breacan de shuidheachadh nan Drumanach thar guala gach fir, agus peiteag de ’n bhreacan cheudna air gach aon diubh. B’ iad fein na ceatharnaich throma ghramail, a dh’fhaodadh a bhi nan cuis uaill do thighearna tha ’san rioghachd; ’s ma bha esan tha thairis orra toileach an gairm a mach, bha iadsan seachd uairean na bu thoilicht’ a ghairm a fhreagairt. “Coma leinn,” ars’ iadsan, “a’ bhuain; thig iomad foghar, theagamh, mu’n gairmear sinn gu Ban-righ Bhreatunn ’fhailteachadh a ris.” Ged bha’n latha grianach tioram, ’s a’ bhuain ’na teas, cha do ghearradh dlo, ’s cha do laimhsicheadh sguab mar fhichead mile de’n rathad. Bha bogha-bhuadhach ard air drochaid Chill-earn, ’s am fraoch badanach, gucagach, gorm, air a shuaineadh mu ’n cuairt, le iomad blath boidheach cubhraidh nam beann; agus ann an aiteachan eile air an t-slighe bha Bhan-righ ri ghabhail, bha boghachan de ’n t-seorsa cheudna, air an deanamh suas gu h-innleachdach, eireachdail. Cha robh tigh na bothan air nach faicte suaicheantas air choir-eigin, mar thaisbeanadh air an dilseachd. Co chunnaic seann chaisteal nan Drumanach nach aidich gur gann a chitear ’san rioghachd ait’ is freagaraich airson comhnuidh teaghlaich mhoir? Gu h-ard shuas air creig, chitear e togail a chinn aosmhoir am measg bheanntan, ’us chreag, ’us chraobh! Mu thimchioll a’ chaisteil tha paircean aillidh, air am faicear crodh ’us caoraich ag ionaltradh. Dluth do’n chaisteal tha lochan aille ciuin, agus na ficheadan eala bhan fhad-mhuinealach a’ snamh air a dhruim liobha; agus airson garaidhean a’s liosan, anns a’ bheil gach preas, ’us blath, ’us luibh, is comasach a thional as gach duthaich, cha’n eil an coimeas ri fhaotuinn am Breatunn! Tha e air a radh le daoine tha mineolach mu na nithe so, nach eil lethbhreac lios nam blath aig Morfhear Willoughby ’san Roinn-Eorpa! Cha’n urrainnear aicheadh gu bheil na garaidhean, na sraidean, na paircean, ’s na h-uile gu leir mu thimchioll a’ chaisteal so, gun choimeas! Tha slighe fharsuing, eadar craobhan domhail arda, suas a dh’ionnsuidh a’ chaisteal. Air an t-slighe so bha tuath teaghlaich Pheairt air an tarruing suas air an aon taobh, agus tuath Morfhear Srath-Ailein ’s Drumanaich mor fein air an taobh eile. Air an culaobh so bha sluagh na duthcha, firionn ’us boirionn. Ach, gu truagh! thainig an oidhche, doillearachd an fheasgair, mu’n d’ thainig a’ Ban-righ air a h-aghart, air chor ’s nach fac’ iad i mar bu mhiann leo. Ach coma co dhiubh, cha d’ fhuaraich sin an fhailte chridheil a chuir iad oirre. Bha uaislean na tire uile, le’n ceatharnaich, as deigh na Ban-righ. Cha’n eil e ’nar comas an ainmeachadh fa leth; ’s leoir a radh nach robh a h-aon air chall. Am measg chaich, cha ’n urrainn sinn dearmad a dheanamn air fear an tigh-osda ann am baile Chomri, de’n ainm Comri e fein, agus d’ an robh mar inbhe bratach teaghlaich Pheairt a ghiulan air gach comhdhail de’n t-seorsa so. B’e sheanair a ghiulain bratach Diuc Pheairt latha blar Chulfhodair; ’s fuaras co math e, ’s gu’n d’ thubhairt an Diuc, “A Chomri, a mhic t’athar! cha di-chuimhnichear do ghaisgeachd-sa ’n diugh—tha t’aran fuinte fhad ’s is beo thu!” Agus is airidh air innse gu robh aig an t-sar laoch air a’ cheart latha so an claidheamh a bh’aig a sheanair ann am blar Chulfhodair, ’s leis na bhuail e gu lar gach Sasunnach aig an robh a dhanachd oidheirp a thoirt air bratach Dhiuc Pheairt! Bha ’dhithis mac maille ris, agus an laimh gach fir claidheamh da-laimh bh’aig an sinn-seara ann am blar iomraiteach Bhannockburn. Fhuair aon diubh duais an urraidh ann an Glaschu ’s an Duneidin airson “Danns’-a’-Chlaidheamh.” Bu riomhach na piobairean air an latha so; agus ’nam measg uile cha’n fhacas a h-aon air na shocraich an t-suil le barrachd speis na seann Mhaighstir King, a tha dluth air ceithir-fichead ’us deich bliadhna dh’ aois. Chaidh sea-fichead Gaidheal, air an eideadh ann am breacan nan Drumanach, a thaghadh gu bhi nam freiceadan do’n Bhan-righ, maille ri tri-fichead laoch de’n t-seann Reisimeid Dhuibh. Do bhrigh gu bheil an caisteal aosmhor, agus nach ’eil na seomraichean co mor ’s bu mhiann leis an teaghlach urramach d’ am buin e, thogadh buth no pailliun air an laraich, dluth do’n chaisteal, mar thigh-cuirme; agus faodar a radh nach facas riamh de’n t-seorsa aon thug barr air. Bha e leth-cheud troidh air fad, agus leth-cheud troidh air leud. Bha na soithichean ’s na miasan a bha air na buird do dh’or ’s do dh’ airgiod. Bha aon soitheach ann, de’n or bu phriseile, a thugadh do theaghlach nan Drumanach le Ban-righ Raibeart an treas, righ Albainn; agus bu nighean do Dhrumanach i fein. Mar so, thaisbeanadh leis an t-soitheach so an cairdeas eadar an teaghlach so ’s a’ Bhan-righ a bha nis maille riu! Cha robh eireachdas ann air am b’ urrainn duine smaoineachadh nach robh air a leigeadh ris air an am so ’sa chaisteal uasal so. ’San oidhche, bha baile Chraoibh air a shoillseachadh, agus teintean-eibhinn r’am faicinn air ceudan cnoc. Cha choir a leigeadh air di-chuimhn gu’n do chruinnich ministeirean diadhaidh Mhuthil, agus moran dhaoine maille riu, air feasgar Di-sathuirne, ’san eaglais, a ghuidhe beannachd an Tighearna air a’ Bhan-righ, ’s air a ceile. LATHA NA SABAID. Chuireadh an latha naomh so seachad mar bu choir dha. Bha seirbhis-aoraidh sa’ chaisteal, an lathair na Ban-righ; ’s chaidh Sir R. Peel agus Morfhear Abear’ain do dh’ eaglais na sgireachd. DI-LUAIN. Chaidh Prionns’ Albert agus Morfhear Willoughby an niugh a shealgaireachd gu frith Ghlinn-Artnidh, da-mhile-dheug as. Cha d’ eirich riamh air duthaich latha bu ghrianaiche agus bu shoilleire. An deigh na ciuin fhrasan a bh’ ann re na h-oidhche, bha gach cuspair ag amharc co urar, ait. Bha’n t-aite uile gu leir na lan mhoralachd—bratach dhearg nam buaidh air barra-bhalla an t-seann duin—faileas nan craobh, fo mheas, ri’m faicinnn ’san lochan chiatach, air an robh, mar thubhairt sinn cheana, na ceudan eala-bhan a’ snamh gun ghiorag—agus a’ ghrian fein mar gum b’eadh, a’ coimhead a lethbhreac anns an tamh-uisge! Chaidh Sir R. Peel cuideachd, e fein, a’s Morfhear Aber’ain, a shealgaireachd; agus gu cinnteach b’iongantach an sealladh na seoid so, ris am bheil gnothuichean Bhreatunn, a’s faodar a radh an t-saoghail, an earbsa, a’ falbh le’n cotaichean cutach air toir chearca-fraoich ’us fheadagan! Ach coma co dhiubh, dhearbh Sir Raibeart gum b’urrainn e gunna ’laimhseachadh co ealanta ri cach; oir thilg e, le laimh fein, da-fhichead coileach-ruadh! Chaith a’ Bhan-righ chuid bu mho de’n latha measg nam blaithean anns na liosan, mar gum biodh Eubha eile ann. Bha dannsa mor sa’ chaisteal ’san oidhche, far an robh morachd agus eireachdas na tire lathair. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XIX. Cha robh an long fada ’deanamh an astair air ais gu ruige Eilean Ebene. Ged a bha ’n oidhche ann an uair a rainig i an acarsaid, chaidh an sgiobair gu tir gun dail sam bith, agus thug e Alsaman leis. Rainig iad luchairt an righ le cabhaig, agus chuir an sgiobair fios a steach gu ’n robh gnothach araidh aige ris an righ. Ged a bha Badoura an deigh deanamh deas gu gabhail mu thamh, cha bu luaithe chual’ i gu ’n robh an sgiobair air tilleadh na ghrad thainig i bhruidhinn ris. Dh’aithnich i Alsaman cho luath ’s a chunnaic i e, ged a bha e ann an deise garadair. Ach bha esan an duil gur ann air beulaobh an righ a bha e; agus o’n a chaidh a ghlacadh, agus a thoirt air falbh g’a aindeoin mar dhuine air an robh fiachan aig an righ, bha e air chrith leis an eagal. Bu bheag a bha de smaointean aige gu ’n robh e ’na sheasamh air beulaobh an aoin a b’ fhearr leis fhaicinn bha air an t-saoghal gu leir. Nan d’ rinn Badoura an rud a bha ’h-inntinn ag iarraidh orire dheanamh, bha i air grad ruith far an robh e, agus a lamhan a chur m’ a amhaich, agus air innseadh dha anns an t-seasamh bonn co i. Ach chuir i stamhnadh oirre fhein, o’n a bha i ’creidsinn gu’m biodh a’ chuis na b’fhearr dhaibh taobh air thaobh air a’ cheann mu dheireadh, nan deanadh i dail beagan laithean gun i fhein a dheanamh aithnichte. Cha d’ rinn i an oidhche ud ach ordugh a thoirt do dh’ oifigeach curam a ghabhail dheth, agus ceartas math fhaicinn aige gus an tigeadh a’ mhadainn. An uair a thug Badoura ordugh seachad mu dheidhinn mar bu choir a dheanamh ri Alsaman, thionndaidh i ris an sgiobair, agus i ’dol a thoirt duais mhath dha air son cho math ’s a rinn e an gnothuch a dh’earb i ris, ach an toiseach, thug i ordugh do dh’ fhear eile dhe na h-oifigich a dhol agus dorsan nan taighean anns an robh am bathar aig na marsantan ’fhosgladh. Mar dhuais, thug i do’n sgiobair daimean a bha anabarrach luachmhor, agus a b’ fhiach moran a bharrachd air na chosg e air an da thurus a chaidh e gu ruige Eilean Ebene. A bharrachd air sin, thuirt i ris gu’m faodadh e am mile bonn oir a thug i dha air son nan dearcan-olla (Air a leantuinn air taobh 158.) [TD 156] [Vol. 8. No. 20. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, NOBHEMBER 24, 1899. REUL NA H-AIRDE TUATH. Ged is iomadh reul aluinn a tha air an sgiotadh air feadh nan speuribh, cha’n eil aonan dhiubh a rinn uidhir de dh’ fheum do chlann-daoine ’sa rinn Senosura, reul dhileas a’ Chrainn Tuath. Bho ’nuair a thoisich daoine air seoladh air aodann a’ chuain bha suil ac’ air an reul so os cinn chaich uile, cha’n ann air son a maiseachd, oir cha’n eil i ach de’n treas meudachd. Gun teagamh ’se Orion an cruinneachadh a’s maisiche ’s na speuribh; ’se am Branndar a theireamaid ris ’sa Ghaidhealtachd. ’Sann leis a’ Bhranndar, ’us leis a’ chruinneachadh aluinn eile ris an canadh sinn an Crann Treabhaidh a bhiodh sinn a tomhas na h-oidhche, gu h-araidh ’sa Gheamhradh. ’Se dh’ aobharaich a leithid de mheas a bhi aig daoine air reul na h-airde tuath gu’m beil i gach oidhche, gach bliadhna ’s gach linn anns an aon aite, ’nuair a tha chuid eile de na reultan an seo a’ nochd ’s an sid an ath oidhche. Tha i a’ ruith air cuairt bhig nach eil cho mor ris a Ghealaich, ’us tha an fhior Airde Tuath an taobh a stigh de’n chearcal so. Bha i, mar sin, gle fheumail do na maraichean o shean air son an cumail air an cursa. Tha i feumail fhathast cuideachd; ’sann leatha ni daoine mach, air muir ’s air tir, de cho fada tuath ’s a bhitheas iad; ’us cha dean luchd-tomhais-fearainn feum sam bith as a h-aonais; ’s tha i feumail air iomadh doigh eile. Ged bha an reul so a’ tarruing aire dhaoine bho chionn miltean de bhliadhnaichean, ’sann am bliadhna fhuaireas a mach nach e aon reul a tha ann ach a tri. Cha’n fhaicear a da chompanach troimh an telescope leis cho beag sa tha iad. Tha e toirt mor thoileachadh dhomh gur h-e Gaidheal a fhuair seo a mach, Caimbeulach a tha frithealadh le telescope Lick ’an California. Nach iomadh rud iongantach a thug an linn seo dhuinn? Tha inneal nuadh aig na daoine ciatach dichiollach sinn, ’na Speuradairean, ris an abrar a’ Spectroscope; ’sann leis an inneal iongantach seo a fhuair an Caimbeulach eolas air gu bheil da chompanach aig Reul na h-Airde Tuath. Tha an da reul bheag seo a’ dol mu ’n cuairt da cheile mar tha an Talamh ’us a Ghealach; agus tha iad nan dithis a’ dol mu ’n cuairt air Senosura, ’se sin Reul a Chrainn Tuath, mar tha sinne ’s a’ Ghealach a dol timchioll mu’n Ghrein. Tha iomadh buaidh air an inneal a dh’ ainmich mi air nach urrainn mi seanachas a dheanamh an seo. Tha mir de ghlainne tri-oisineach innte, agus an uair a dhearrsas solus reul sam bith troimh an ghlainne so, tha a solus sin air a roinn mar chithear an solus ’sa bhrogha-frais; agus fainichidh na speuradairean air na dathan a bhios ’san t-solus sin ciod iad na stuthan de’m beil an reul deante. Ni iad a mach mar an ceudna, an ann a’ tighinn ugainn no a’ teicheadh uainn a bhios an reul. Is ann a’ tighinn ugainn a tha Senosura, ach cha ruig neach sam bith a leas eagal a bhith air gu ’m buail i annainn, oir ma tha i leud ploc prine bho bhi air an t-slighe dhireach ugainn, tha leithid de dh’ astar aice ri thighinn ’s gu ’m bi i builionan de mhiltean as an t-slighe dhireach mas ruig i sinn. A bharrachd air a sin, tha i cho fad air falbh ’s nach eil fios nach bi an talamh agus eadhon a’ Ghrian mhor bheannaichte fhein, air an dubhadh a mach mas ruig i sinn. Nach eagalach a ni a bhi a’ smuaineachadh air an astar do-thomhasach, do-thuigsinneach a tha an reul seo agus feadhainn eile dhiubh air falbh? Ciod e ris a’ samhlaich mi an t-astar so, ach ri slat-thomhais na Siorruidheachd? Is iad gun teagamh grianan a th’ anns na h-uile reul a chi sinn ann an doimhneachd nan speur.; ach, ’s cinnteach gu bheil saoghail ’us gealaichean an cois gach aon dhiubh, ged nach leir dhuinn ach gle bheag dhiubh. Tha saoghail anns a’ chruinneachadh da ’m buin sinn fein nach fhaic sinn, mar tha Uranus ’us Neptune, ged is mor iad; uime sin nach eil aobhar againn a bhith creidsinn gu bheil saoghail bheag is mhor a deanamh gairdeachais ann a’ solus aillidh gun ghruaim nan Grianan dealrach ud thall? Tha iomadh neach ann nach ’eil a’ creidsinnn na nithean iongantach a tha na speuradairean a’ faotainn a mach; tha iad a toirt nam chuimhne rud a thachair ’nuair bha mi ’sa sgoil. Thainig Eallasaid bheag, aois choig bliadhna do’n sgoil. Thog am Maighstir-sgoile Ruadh air a ghluin i, ’us thuirt e rithe, “ged rachadh gach dorus ’us uinneag air an taigh-sgoile dhunadh suas le clachan ’us aol, agus ged dhunadh e-fein a suilean, gu’m biodh fios aig a Chruith-fhear air smuaintean a cridhe.” ’Se am freagart a thug i dha: “A! ’s cruaidh orm fhein a bhith ’ga n-ur creidsinn.” Is cinnteach an uair a thog Oisean siuil ard nan uchd bhain, gu’n togadh e a chursa bho Reul na h-Airde Tuath. Bha mi aon uair de’n bharail gur h-ann do’n reul seo a thug e an t-ainm grinn sin Tonn-theine, ach, tha e fein ag radh gun do sheall Tonn-theine stigh troimh an uinneig aig Sulmala ’nuair bha i a’ bualadh nam bas, le eagal gu’n eireadh gu h-olc do Chathmor coir ann an cogadh na h-Eirinn. Tha e duilich a chreidsinn gu’m biodh an uinneag aig nighean sgiobalta ghrianach mar Sulmala air aghaidh na h-Airde Tuath. Is ann bho Reul a’ Chrainn a thog ’sa chum maraichean Thiruis an cursa; thaghail iad anns gach port ’us bagh ’us eilean, air a robh eolas aig daoine ’s na laithean ud. Thatar ag radh gu robh iad a dol do dh’ Alba ’s do Shasunn a dheanamh malairt. Bha iad nan daoine dichiollach us cruadalach. Cha’n eil fhios c’uine a fhuar daoine eolas air a chompaist; cha mho tha fios ciod e an cinneach a fhuair a mach e air tus, ach, tha eachdraidh ag innse gu bheil coig thar fhichead de chiadan bliadhnaichean bho fhuaras eolas air, gun fhios ciod e cho fada sa bha eolas air roimh an am sin. Gidheadh, lean na maraichean, gus an latha ’n diugh, air toirt suil an drasda ’sa rithist air an aon ni a ’s seasmhaiche ’s is dilse ’s na speuribh, Reul na h-Airde Tuath. DONULL MAC LEOID. Cha’n eil moran ri innse mu’n chogadh; cha’n eil moran fhiosan a tighinn, oir tha iadsan a th’ air ceann air airm Bhreatunnaich ’gan cumail air ais, oir cha’n eil iad a meas iomchuidh gu ’m biodh fios aig an t-saoghal ciod a tha iad a deanamh. Tha Buller a nise faisg air an laraich, agus cha teid moran uine seachad gus an cuir e e-fhein an ceill do na Boers. Tha an t-arm Breatunnach a th’ anns an Transvaal a seasamh gu math an aghaidh an naimhdean; cha ’n eil iad a call a bheag sam bith, agus tha iad ann an deagh mhisnich. Air an t-seachdain s’a tighinn, bidh duil ri naigheachdan a bhi na’s pailte agus gu math na’s fhearr. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. Earras (uile paighte) $12,000,000.00 Tasgadh 6,000,000.00 ARD-OFIS, MONTREAL. LUCHD-RIAGHLAIDH: An t-Ard Onarach, Morair Strathcona agus Mount Royal, G. C. M. C., Ceann-suidhe. An t-Onarach G. A. Drummond, Iar-Cheann-suidhe. A. T. Paterson, Sir Um. C. Domhnullach. Uisdean Mac Gill-fhinnein, R. B. Angus. E. B. Greenshields, A. F. Gault. W. W. Ogilvie. E. S. CLOUSTON, Ard Fhear-gnothuich. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. UM. TURNER, Fear-gnothuich. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. [TD 157] [Vol. 8. No. 20. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh cist-uiddeaman a bhuineadh do chuideachd an iaruinn a bhristeadh oidhche Di-luain agus bha fiach moran airgeid de dh’uidheaman air a ghoid. Bha a chiste fhein air a tilgeadh thar na dorchaid, agus fhuaireadh anns an an uisg’ i ’sa mhaduinn Di-mairt. Ann an tri latha deireadh na seachdain s’a chaidh, bha sia duine deug air an cur do’n phriosan ’sa bhaile air son daorach us aimhreit, agus bha aireamh mhor eile air an deachaidh tearnadh caol. Bha cuid dhiubh sin a chosg gu ire bhig a h-uile sgillinn a fhuair iad latha-paighidh air son obair a mhios. Leis an aireamh mhor sluaigh a tha air tighinn do’n bhaile, tha na h-eaglaisean a fas tuilleadh us beag. B’ fheudar do na Caitlicich seann eaglais Naomh Padruig fhosgladh Di-donaich s’a chaidh, an deigh dhi bhi air a dunadh corr us deich bliadhna. Bha ’n t-Urr. Seumas Quinnan air ceann na seirbhis, agus bha aireamh mhor sluaigh cruinn. Bidh Maighstir Quinnan agus Maighstir Mac Isaic latha mu seach anns an t-seann eaglais ’s anns an eaglais uir. Thatar an toir air fear Raonull Curry, a mhuinntir Loch Mhic Eamuinn, air son sgian a stboadh ann am fear eile feasgar Di-satharna s’a chaidh, fear Aonghas Gillios, a mhuinntir Bheechmont. Chaidh iad bhar a cheile anns a bhaile an deigh na dinnearach, agus anmoch feasgar thachair iad air a cheile ann an stor Aonghais Chamrain, aig na Forks; thoisich iad air sabaid, ’s thug Curry a mach sgian agus stob e am fear eile anns an amhaich, a deanamh lot granda. Dh’fhag tri no ceithir a cheudan de ’n luchd-obrach am baile toiseach na seachdain so. Bhuineadh iad uile, gu ire bhig, do Cheap Breatunn, muinntir a bha aig an obair o chionn dha no tri mhiosan, ach nach robh air son leantail rithe re fuachd a gheamhraidh. Tha so ’na chomharradh math air Ceap Breatunn, oir tha e nochdadh nach eil a chuid mhor de’n t-sluagh cho feumach air cosnadh ’s gu leig iad a leas obrachadh ris an fhuachd. Tha sinn a cluinntinn gu bheil cuideachd an iaruinn a cur a dh’iarraidh aireamh cheudan de luchd-obrach a Newfoundland. Tha na meairlich a fas gle phailt anns a bhaile; tha uaireadairean, faineachan, slabhruidhean agus airgead ’gan call gach latha air doigh nach cualas riamh roimhe anns a chearna so. Tha aon duine ’g ionndrainn deich dolair fhichead, fear eile aon dolair deug, fear eile seachd dolair, agus feadhainn eile a reir sin. Oidhche Di-luain chaidh bristeadh a stigh do’n ofis aig Ros & Ros, fir-lagha, agus bha aireamh phaipearan us leabhraichean air an toirt air falbh. Chaidh cot-uachdair a ghoid o dhorus stoir deireadh na seachdain s’a chaidh; fhuaireadh an cota, agus bha am fear aig an d’fhuaradh e ag radh gur e cheannach o dhuine daoraich a rinn e, ach chaidh a chur dh’an phriosan, far am bi e air a chumail gus am faigh e cothrom air sin a dhearbhadh. Feumaidh na maoir ’s an luchd ceartais a bhi ’nan deagh fhaireachadh ma tha meairle agus mi-riaghailt ri bhi air an cumail fodha. Chaochail Sir Uilleam Dawson ann am Montreal la na Sabaid s’a chaidh, ’se dluth air ceithir fichead bliadhna dh’aois. Bha o na dhuine bha ainmeil mar fheallsanach ’s mar sgriobhadair, agus bha meas mor air Rugadh e ann an Nobha Scotia, agus o chionn da fhichead us tri bliadhna bha e ’na fhear-teagaisg ann an Oil-tigh McGill, am Montreal. Rinn a bhan-righ ridire dheth ann a bhliadhna 1884. Bhrist air a shlainte o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, agus b’fheudar dha a dhreuchd anns an Oil-thigh a leigeil seachad. Chaochail Uisdean Mac Gill-fhinnein, athair Iain S. Mhic Gill-fhinnein, ann am Montreal ’sa mhaduinn Di-ciaduin; thainig bas gle aithghearr air. Bha e ’na dhuine gle shaibhir agus air aon de’n luchd-gnothuich a b’ fhearr air an robh eolas ann am Montreal; bha moran airgeid aige anns an da chuideachd mhoir a tha ’g obrachadh anns an t-siorrachd so, cuideachd a ghuail, ’s cuideachd an iaruinn. Dh’ fhag e triuir mhac, Iain S., Francisa tha ’na fhear-lagha, agus Uilleam a tha ’n deigh cliu fhaotainn mar ughdar leabhraichean. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Seumas Mac Aonghais, Sidni Eos. S. Mac-a-Phi, am Pon Mor. Ailein D. Mac Gilleain, Valley Mills. Ruairidh Mac Phaic, Rudha ’n Rothaich. Eos A. Mac Neill, Glengarry Valley. Micheil Mac Neill, Glengarry Valley. Bean Iain Weir, Cobh an Fheoir. A. R Mac Neill, Bouladerie ’n Iar. Ailein Mac Guaire, Baile na Ban-righ. Niall Mac Leoid, (eildear) Port Morien. Alasdair Mac-an-t-Saoir, Loch a Chanu. Iain A. Gillios, S. W. Margaree. Ailein J. Gillios, S. W. Margaree. Ruairidh Domhnullach, Loch Ghabarus. Ceit A. Dhomhnullach, Beinn Ghillanders. Flori Mic Gill-fhinnein, Beinn Ghillanders. D. B. Mac Amhlaidh, Milan, Que. Iain Sutharlan, Rockland, N. B. S. A. Mac Ille-mhaoil, Eileanan Coille E. P. I Alasdair Martuinn, M. P., Valleyfield, E. P. I. Calum Mac Mhannain, Braidalbainn, E. P. I. Gilleasbuig Mac Gilleain, Thesallon Ont. Iain Mac Thearlaich, Ottawa, Ont. Iain T. Domhnullach, Moose Creek, Ont. I. R. Mac Coinnich, Skye, Ont. Padruig Crabhart, Diubhart, Ont. Bean R. Rois, Warina, Ont. E. A. Mac Gille-mhaoil, Finch, Ont. D. I. Friseal, Vankleek Hill, Ont. Murchadh Mac Eaomuinn, Quincey, Mass. Domhnull Mac Gilleain, New York. Prof J. D. Prince, New York. Mrs C. B. Fox, Boston, Mass. Domhnull Mac-an-Toisich, Greenleaf, Mich. Alasdasr Mac-an-t-Saoir, North Burns, Mich. Gilleasbuig A. Camaran, North Burns, Mich. Iain Mac-a-Bhiocair, Rescue, Mich. Calum Domhnullach, Owen Dale, Mich. A. I. Mac Gill-fhaollain, B. C. Cnapel. M. Mac Laomuin, Bail-an-Tobair, E. P. I. Domhnull Beutan, Cardigan, E. P. I. An t-Urr J. C. Mac Ille-mhaoil, E. P. I. I. Mac Gill-fhaollain, Primrose, E. P. I. D. Mac Gill-fhaollain, St. Georges, E. P. I. Martuinn Martuinn, Martuindale, E. P. I. A. Caimbeul, Tirithe, Assa., N. W. T. BAS. —Aig Loch Uidhist, Loch Lomond, air Nobhember a 13, Cairistine, bean Phadruig Dhugdallaich, 57 bliadhna dh’ aois. Thainig am bas gle aithghearr oirre. Dh’ fhag i companach, triuir mhac, agus triuir nighean, gu bhi caoidh call ceile agus mathair ghradhach. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan. Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean. Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries. THA AR PRISEAN GLE ISEAL. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRU DHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. Cotaichean Mackintosh, Ulsters, Cotaichean Uachdair, Reefers, Coon, Dogskin & Wambat. AIG J. C. Mills, Sidni, C. B. GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. [TD 158] [Vol. 8. No. 20. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 155.) a chumail aige fhein. Agus thuirt i ris mar an ceudna gu’m paigheadh i fhein na dearcan do ’n gharadair a thug e o bhaile an luchd-iodhol-aoraidh. Na dheigh sid, chaidh i do ’n t-seomar anns an robh Hatalna, agus an uair a dh’ innis i dhi mar a bha, thuirt i rithe gu’m feumadh i a ceart aire ’thabhairt nach fhaigheadh neach sam bith fios air an diomhaireachd a bha eatorra. Dh’ innis i dhi mar an ceudna an doigh anns an robh i gus i fhein a dheanamh aithnichte do dh’ Alsaman, agus an rioghachd a thoirt dha. Agus thuirt i, gu’n robh an t-eadar-dhealachadh a bha eadar garadair agus righ cho fior mhor ’s nach biodh e sabhailte Alsaman ardachadh o staid garadair gu staid righ, eadhoin ged a b’ e an ceartas righ a dheanamh dheth anns a’ mhionaid. Thuirt Hatalna rithe, gu’n cumadh i a’ chuis ann an cleith gun teagamh, gu’n robh i gle aoibhneach air son mar a thuit cuisean am mach, agus gu’n deanadh i gach ni a ghabhadh deanamh gus gach gnothach a bhiodh aig Badoura ri dheanamh a chur air aghart. Air an ath mhadainn, thug Badoura ordugh seachad Alsaman a thoirt do ’n taigh-fharagaidh, agus deise chur uime mar bu ghnath leis na cinn-fheadhna ’bhith ’caitheamh. Dh’ ordaich i mar an ceudna a thoirt do’n chomhairle, far am bu ghnath le cinn-feadhna eile na rioghachd a bhith cruinn. Agus an uair a chaidh e steach do sheomar na comhairle, bha ’choltas cho maiseach ’s cho moralach ’s gu ’n robh na h-uile a bha anns an t-seomar a’ gabhail beachd air gu dluth. Bha aoibhneas nach bu bbeag air Badoura fhein an uair a chunnaic i e ann an deise cinn-feadhna, agus e, ar leatha, ann an coltas agus ann an dreach cho maiseach ’s a chunnaic i riamh e. Thug so oirre gu ’n do mhol i gu h-anabarrach e ann an lathair na comhairle. An uair a chuireadh ’na shuidhe e ann am measg nan ceann-feadhna, labhair i mar so ris an luchd-comhairle: “Mo thighearnan, thug mi Alsaman do ’n chomhairle a chionn gu ’n robh mi ’meas gu ’m bheil e lan-airidh air an t-suidheachadh urramach anns an do chuir mi e. Rinn mi so, do bhrigh gu ’n do chuir mi eolas math air ’s an am a dh’ fhalbh. Agus theid mi an urras dhuibh gu ’n dearbh e dhuibh uile gur duine e a tha airidh air an t-suidheachadh ard anns an do chuir mi e, araon le a threuntas, le a gheurchuis, agus ann an iomadh doigh eile.” Bha ioghnadh anabarrach mor air Alsaman an uair a chual’ e na briathran so a labhair righ Eilean Ebene m ’a dheidhinn. Cha robh smaointean sam bith aige gur e boirionnach a bha labhairt m ’a dheidhinn, no idir gur i a bhean fhein a bha ’g radh nam briathran ud. Bha e lan chinnteach nach b’ fhiosrach e gu’m faca e righ Eilean Ebene riamh, agus cha b’ urrainn e idir a thuigsinn ciod e thug air an righ a radh gu’m b’ aithne dhaibh a cheile. Agus bha ioghnadh na bu mho ’s na bu mho air an uair a chuala e cho math ’s a mhol an righ e. Ach ged a fhuair e moladh gu leor o’n righ, cha d’ fhas e moiteil no mor as fhein, oir bha fhios aige gu ’n robh e airidh air a’ mholadh a fhuair e. Leig e e-fhein ’na shineadh air beulaobh na righ-chathrach, agus an uair a dh’ eirich e ’na sheasamh, thuirt e, “Le ’r cead, a righ, is gann gu’m bheil e comasach dhomh briathran freagarrach fhaotainn gus mo thaingealachd a chur an geill do bhur morachd air son na h-urram a chuir sibh orm. Ni mi gach ni ’nam chomas a chum a leigeadh ris, gu ’m bheil mi ann an tomhas airidh air an dreuchd ard agus urramach anns an do chuireadh mi.” An uair a sgaoil a’ chomhairle, thugadh Alsaman do luchairt a dh’ ordaich Badoura a chur air doigh air a shon. Bha oifigich agus seirbhiseich eile dhe gach seorsa anns an luchairt deas gus ni sam bith a dh’ iarradh e orra a dheanamh; agus bha stabull lan de na h-eich bu bhriagha ’s a b’fhearr a bha ri fhaighinn aige, agus gach ni eile a bhiodh feumail dha. An uair a chaidh e steach d’ a sheomar diomhair fhein thug an t-ard stiubhart a steach ’ga ionnsuidh gach ni a dh’ iarraidh e gus a bhith aige air son ’fheumalachd. Mar bu mho a bha de dh’ ioghnadh air air son an fhortain agus na h-urram a thainig ’na rathad, is ann a b’fhaide bha e o bhith ’tuigsinn co uaithe thainig iad. Cha do smaoinich e idir gu’m b’ ann o laimh Bhadoura a fhuair e an inbhe ard, urramach, agus an saoibhreas a bha e ’sealbhachadh. Beagan uine ’na dheigh sid, o ’n a bha toil aig Badoura gu’m biodh e na bu dluithe dhi, agus ann an suidheachadh moran na b’ airde na ’n suidheachadh anns an robh e, rinn i ard fhear-ionmhas dheth. Ghluais e e-fhein anns an t-suidheachadh so air a leithid de dhoigh ’s gu’n do choisin e cliu agus meas agus urram ro mhor ann am measg gach inbhe fa leith dhe ’n t-sluaigh. An uair a fhuair Alsaman e fhein mar so ann an dreuchd ard agus urramach, agus fo mheas mor araon aig an righ, agus aig sluagh na rioghachd, bha e ’smaointean gu’m biodh a shonas anns an t-saoghal so coimhlionta, na ’n robh Badoura maille ris. A dh’ aindeoin na bha de dh’ fhortan air tighinn ’na rathad, bha e an comhnuidh a’ caoidh gu goirt, a chionn gu ’n do chaill e Badoura, agus mar an ceudna, a chionn nach robh e ’cluinntinn guth no iomradh m’ a deidhinn. Bha fios aige gu’m feumadh i a dhol troimh Eilean Ebene air a turus gu ruige rioghachd ’athar; agus o nach robh e ’cluinntinn guth m’ a deidhinn, bha eagal gu leor air gu ’n d’ eirich beud dhi ann an aiteiginn. Ach thachair ni no dha air nach robh fios aigesan, no aig a’ bheag a bh’ ann an luchairt an righ. Ged a bha Badoura ann an deise firionnaich, agus Alsaman mar ainm oirre, an uair a chaidh i do ’n rioghachd, cha bu luaithe phos i nighean an righ, agus a rinneadh righ dhith, na ghabh i Armanos mar a h-ainm, mar urram do ’n t-seann righ, a h-athair-ceile. B’ e so an t-ainm a bh’ aig na h-uile oirre; agus b’ e fior bheagan de dh’ uaislean na cuirte aig an robh fios gur e Alsaman an t-ainm a bha oirre an uair a chaidh i do ’n rioghachd. Agus o nach robh Alsaman ach uine ghoirid anns a’ cheana-bhaile, cha robh fios sam bith aige mu dheidhinn a h-eachdraidh. (Ri leantuinn.) D. L. MacFhionghain, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c, &c. GAN CREIC SAOR. THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. Seacaidean Cotaichean Deiseachan Deante DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN. Curraichdean Ceannabharan Deiseachan Miotagan DO ’N CHLOINN. AIG J. C. MILLS, SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. [TD 159] [Vol. 8. No. 20. p. 7] Raibeart Kerr. Rugadh an sgriobhaiche agus eadar-theangair seo ann an siorrachd Rocsborgh, ’sa bhliadhna 1755. ’Se mac do sheudair an Duneideann a bh’ ann, d’ am b’ ainm Seumas Kerr, o Bhughtridge, agus a mhathair nighean Mhorair Tearlach Kerr, dara mhac de chiad Mharcus Loudainn (Lothian). Fhuair e ionnsachadh ann an ard-sgoil Dhuneideann, agus chaidh e ann an comh-chuideachd ri Mgr. Wardrope, lighiche, agus phos e an nighean aige. Anns a’ bhliadhna 1794 cheannaich e muilleann-phaipear aig Ayton ann an siorrachd Abaruig, agus chaill e moran airgiod leis an obair sin. Sgriobh e moran leabhraichean: nam measg bha cunntas air ainmhidhean eadartheangaichte bho ’n Fhraingis, agus Eachdraidh na h-Alba fad rioghachadh Righ Raibeart Bhrus. Chaochail e air 11mh dhe ’n mhios Damhair 1873, agus dh’fhag e aon mhac a bha ’na caiptean anns a’ chabhlach rioghail, agus da nighean posda. A thaobh ar teachd-an-tir tha moran deth ’ga mhilleadh le ana-caitheadh. Fagar cuid dheth ’nar soithichibh—theid cuid dheth ’san teine—agus tilgear cuid dheth a mach! Tha e cinnteach gu’m bheil comas againn air so a dheanamh, oir is leinn fein e. Cheannaich no choisinn sinn e. Phaigh sinn am fuineadair, agus am feoladair, ach cha do phaigh sinn Esan a rinn an teachd-an-tir, agus cha’n urrainn sinn ath-dhioladh a dheanamh Dhasan le h-airgiod no le h-or. Uaith-san tha sinn a faotainn ni’s leoir air son ar feumachd fein, ach cha’n ’eil sinn a faotuinn cor. Uaith-san gu ana-caitheadh a dheanamh air a’ chuid a’s lugha de thoirbheartas a freasdal fein d’ar taobh. Tha’n geamhradh a tighinn; bha sgreabhag deighe air na lochan timchioll a bhaile so maduinn Di-luain s’a chadh. Anns na roinnean an iar oirnn, far an abhaist do’n gheamhradh tighinn na’s traithe, tha reothaidhean troma aca o chionn dha no tri sheachdainean. Bha amhuinn St. John, N. B., air a reothadh thairis aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. “A Sheonaid choir,” ars’ oganach sporsail ri bhan-choimhearsnaich fein;” “a Sheonaid choir, chunnaic mi an de ’s an eaglais thu; an do thuig thu an searmoin grinn ud a thug am ministeir seachad?” “O, a Dhomhnuill, a Dhomhnuill, am beil duil agad gu’m biodh a dhanadas agamsa sin a dheanamh?” Cha’n e saibhreas mor, no fuil uasal a ni duine sona. Tha ’n da chuid aig moran de na daoinibh a’s truaighe air an talamh. Is sona, siochail, beannaichte an ti sin aig am bheil cumhachd gu cur suas gu foighdinneach le deuchannaibh, agus aig am bheil taineileachd gu comhfhurtachd a shealbhachadh. Tha ’n ti sin a’ tarruing sonais a cuisibh eugsamhla na beatha, agus eirichidh gu math dha a bhos agus thall. Smuainich air so, agus bi glic. Tha beatha an duine air a roinn ’na thri earrannaibh, agus is iad sin, an earann a bha, an earran a ta, agus an earrann a bhitheas. Bu choir dhuinn a bhi air ar teagasg leis an am a chaidh seachad, buannachd fhaotuinn o’n am a tha lathair, agus gu bhi ’gar giulan fein ni’s fearr air son an ama ri teachd. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. SANAS. Do Mhuinntir Cheap Breatunn. Ma tha dealbh agad—tintype no photo—a tha thu air son a mheudachadh gu math agus gu ceart, na bi air do mhealladh le coigrich nach aithne dhut, ach cuir gu ’r n-ionnsuidh-ne i, agus ni sinn a meudachadh gu curamach, agus air doigh a chordas riut. Cha ’n ’eil teagamh nach fhaca tu ar n-obair cheana aig cuid dhe do choimhearsnaich, agus ma chunnaic, ni an obair i-fhein a mholadh dhut. Tha ar prisean iseal, air dhoigh ’s gu freagair iad air sporan an duine bhochd cho math ’sa fhreagras iad air sporan an duine bheairtich. Halpern Copying Company, SYDNEY, C. B. Aug. 10, ’99.—3 mo. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 160] [Vol. 8. No. 20. p. 8] Steornabhagh Mhor a’ Chaisteil. LEIS A CHOIRNEAL IAIN MAC GRIOGAR, M. D. Air fonn:— “Slainte dhut, deadh shlainte dhut, ’Se slainte chuirinn as do dheigh.” Seisd:— Steornabhagh, ’s e Steornabhagh Am baile ’s boidhche leam fo’n ghrein, Steornabhagh ’s e Steornabhagh. Steornabhag mhor a’ chaisteil, Baile ’s modha th’ air an t-saogh’l, Ach co-dhiu is beag no mor e, ’S ann d’a leoid is mor mo ghaol. Bha thu riamh cho briagha, boidheach, Ceart mar oighe laghach, ghrinn, ’S cuiridh mis’ ’an ceil dhut oran, A bhios seolta blasd ri sheinn. Tha m’ ’n drasda ’na mo shineadh Anns na h-Innseachan ’s mi fann, ’S mi le pencil dubh ri sgriobhadh Sios gach ni a thig ’na m’ cheann. Agus ’s iomadh smaoin ro neonach, Agus ghorach, bhios gun tamh, Ruith tre m’ eanchainn fhein an comhnuidh, Null gu Steornabhagh mo ghraidh. Saolaidh mi gu ’n dearc mo shuilean Air gach cnoc us cuil us gleann, ’S ge do bhiodh mo shuilean duinte, Chi mi soilleir stuc nam beann. B’ og thug mise gaol us gradh dhut, Thar gach ait an ear ’s an iar, ’S ged is cian bho rinn mi d’fhagail, Chaoidh cha ’n fhalnaich dhut mo mhiann. Baile-mor gun chron, gun fhiaradh, Ris ’m bu mhiann leam fhein bhi dluth, Anns am faighte gillean fiallaidh, ’S nioghnagan ’bu chiataich cliu. Boidich laghach, caillchean caoimhneil, Maighdeanan ’bu bhriagha sgiamh, Oganaich ’bu dual bhi aoidheil, ’S anns nach d’ fhuaireadh foill a riamh. ’S iomadh oidhche chridheil, ghorach, Chaith mi comhla ris na suinn, Ris na nioghnagan ’bu bhoidhiche, ’S do ’m bu dual bhi doigheil, grinn. ’S tric a shiubhal mi do shraidean, ’S och, bu shraiceil (!) bhiodh mo cheum, Mas do dh’fhas mi odhar, grannda, Le bhi tamh fo theas na grein. ’S lionmhor feasgar soilleir samhraidh, Rinn mi sealltuinn air gach bat, Bhiodh ri seoladh mach a m’ annsachd, Nuair bhiodh sgadan teann do ’n bhagh. ’S nuair a dhuisginn anns a’ mhaduinn, Gu’m b’e sealladh maiseach leam, Bhi ’g am faicinn lan de sgadan. ’N an ruith dhachaidh bharr nan tonn. O, b’e sud an sealladh eibhinn, Bheireadh geilleadh air gach bron, Bhi ’g am faicinn ruith ’s a’ leumnaich, ’S cop ag eiridh ris gach sroin. Cait am facas bagh cho aluinnn Ris a bhagh mu ’m bheil mi seinn? Ni ’mo fhuaireadh port cho sabhailte, Anns gach gabhadh chruaidh us teinn. Nuair a b’abhaist dhomh cuir cul riut, Dol do dhuthaich dhubh nan Gall, ’S tric le deoir a shil mo shuilean, Fagal tir mo dhurachd thall. Ach nuair thigeadh am dhomh tionndadh, Null a dh’ ionnsuidh tir an fhraoich, O, gur mi bhiodh cridheil, sunndach, Falbh a null gu fonn nan laoch. ’S nuair a ruiginn Gob na Cabaig, Air bord bata mor na smuid, Bhiodh mo chridhe leum ’an airde, Dol a steach do bhagh mo ruin. ’S chi mi fhathast fallain, slan thu, Ma tha ’n dain dhomh fhein bhi beo, ’S ged bu bhas dhomh—sud ort slainte, Thir mo ghraidh le gradh gun gho. Nighean Mo Ruin. LEIS A BHARD CHEUDNA. Seisd:— A nighean mo ruin, ’S tu thogadh mo shunnd ’S ann oidhch’ na Bliadhn-ur a chord mi riut. Na faicinn thu tighinn, ’Ad ionnsuidh a ruithin, ’S gu’m eibhinn a bhithinn goid phogan bhuat. Gur airde do bhuadhan, Gur aillidh do ghruaidhean, A ’s gille na stuadhan Tonn-Chroice leam. Gur cubhraidh leam d’anail Na tuis agus canal, ’S gur baind agus banal do chomhradh binn, Gur aotrom a bhitheadh Do cheum air an t-slighe, Gu brosnachadh cridhe nan oganach- Do chiochan is glainne Na cop air a’ bhainne, ’S bean d’iomhaigh is gainne ri fheorachadh. Do shlios mar an eala, Mar fhaolag a’ chala, ’S cha’n ’eil anns a’ bhaile cho boidheach riut. Le gibhtean cho gleusda, Le giulan cho beusda, Le nadur cho cneasda, neo-ghorach, ciuin. Nuair theid mi do Ghallamh, No dh’ait air an talamh, As d’ aogais gur falamh gach solas leam. Gur mir’ thu na piseig, Gur binn’ thu na ’n uiseag, S cha lubadh a’ chuiseag fo d’ bhrogan grinn. gur annsa mo chaileag, Air-leam nach e pealag, No idir an sealag a phosas i. Ach sguiridh mi bhruidhean Air beusan mo nighinn, Ge b’eibhinn a bhithinn seinn oran dhi. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Am Feillire. NOBHEMBER, 1899. 1 Di-ciaduin An t-Samhuin. 2 Dior-daoin La nam marbh. 3 Di-haoine 4 Di-satharna 5 DI-DONAICH XXIV. Donaich na Caingis. 6 Di-luain Posadh Fionnaghail Nic Dhomhnuill, 1750. 7 Di-mairt 8 Di-ciaduin Bas Dhun-Scotuis, 1308. 9 Dior-daoin Areith Bhaltar Geikie, 1795. 10 Di-haoine Breith Fhir Chuilfhodair, 1685. 11 Di-satharna 12 DI-DONAICH XXV. Donaich na Caingis. 13 Di-luain La Sliabh an t-Siorraimh 1715. 14 Di-mairt 15 Di-ciaduin Glacadh Baile Charlisle, 1745. 16 Dior-daoin 17 Di-haoine 18 Di-satharna 19 DI-DONAICH XXVI. Donaich na Caingis. 20 Di-luain Breith Um. Blackwood, 1776 21 Di-mairt Bas Sheumais Hogg, 1835. 22 Di-ciaduin 23 Dior-daoin 24 Di-haoin Bas Iain Cnocs, 1572. 25 Di-satharna Bas Sheann Thormoid Mhic Leoid, 1863. 26 DI-DONAICH 27 Di-luain La Phentland, 1666. 28 Di-mairt 29 Di-ciaduin 30 Dior-daoin An fheill Anndrais. MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 3, U. 6, M. 13 M A Cheud Chairteal L. 10, U. 9, M. 21 M An Solus Lan L. 17, U. 6, M. 5 M An Cairteal mu Dheireadh L. 25, U. 2, M. 21 M NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla A. J. G. MacEACHUINN. Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - - - C. B [TD 161] [Vol. 8. No. 21. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 1, 1899. No. 21. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLIII. MO SHEANN COMPANACH DANIEL. Ghabh sinn air ar n-aghart gu leith aindeonach, agus sinn ’g ar falach fhein am measg nan creag cho math ’s a b’urrainn duinn. Uair a chluinneamaid farum chasan nan each agus bruidhinn dhaoine, agus uair eile nach cluinneadh. Chaidh mi fhein is Tomas gu bearradh creige a bha air bruaich na h-aimhne feuch ciod a chitheamaid. Cha robh sinn fad’ ann an uair a thug sinn an aire gu’n robh cuid de na marcaichean air tighinn air lar, agus an deigh di-leum a chur air na h-eich. A reir choltais bha iad air son bruaich na h-aimhne a rannsachadh gu mion feuch am faigheadh iad greim oirnn. Bha iad air sgapadh thall ’s a’ bhos, agus bha iad a’ coiseachd air an socair, agus na gunnachan air an lan-togail, mar gu’m biodh sealgairean a bhiodh a’ sealg nan cearcan-fraoich. Bha am fear bu dluithe dhuinn dhiubh mu cheud slat uainn, agus bha e coiseachd air a shocair an rathad a bha sinn. An uair a bha e mu leith cheud slat uainn, thuirt mi ri Tomas ann an cogar, “Is e mo sheana chompanach a th’ ann cinnteach gu leor. Theid mi ’bhruidhinn ris.” Thug Tomas fasgadh air mo ghairdean, mar gu’m biodh e ag radh gu ’m b’fhearr dhomh fuireach far an robh mi. Ach an uair a chunnaic mi gu ’n robh an duine ’deanamh direach oirnn dh’ eirich mi ’nam sheasamh gus a dhol ’na choinneamh. Thachair nach robh e aig an am ag amharc direach an taobh a bha mi, ach cha d’ thug mi ach da cheum gus a dhol na choinneamh an uair a mhothaich e dhomh. Cha bu luaithe mhothaich e dhomh na ghrad chuir e an gunna ri ’shuil mar gu ’m biodh e dol a losgadh orm. An uair a chunnaic mi an coltas a bh’ air, thuirt mi, “An ainm Dhe,leag do ghunna gus am bruidhinn mi ruit, a Dhaniel!” Leag e an gunna o ’shuil beagan, agus thuirt e, “Ge b’e air bith co thu, innis dhomhsa ciod a tha thu ’deanamh an so, agus cuin a thainig tu ann? Innis an fhirinn gu h-ealamh, ar neo cha ’n fhaic thu latha ach na chunnaic tu.” “Dean air do shocair, a Dhaniel, agus innsidh mise dhut gu saor, soilleir cuin a thainig mi an so, agus ciod a tha mi deanamh ann. Tha naigh- [Dealbh] COGADH AN TRANSVAAL. Tha aon ni a tha cur dragh nach beag air na Breatunnaich a thaobh a chogaidh ann an ceann a deas Africa—an t-eagal gu ’n eirich na Basutos ann an ceannairc. Is treibh de dhaoine fiadhaidh na duthcha iad so, agus tha fuath mor aca do na Boers, ni nach neonach, oir bha na Boers riamh gle an-iochdmhor riutha. Dh’ eireadh iad a chogadh an aghaidh ’nam Boers, agus cha ’n eil teagamh nach deanadh iad, ’sa cheud dol am mach, cuideachadh math le Breatunn; ach ’si chuis-eagail, ma thoisicheas iad, nach bi ciall sgur aca, agus gu’m bi e na’s doirbhe iadsan a thoirt gu sith an deigh do’n chogadh sgur na bhiodh e na Boers a chisneachadh as an aonais. Tha eagal gu leor aig na Boers rompa, agus beagan an deigh do’n chogadh toiseachadh, chuir iad teachdaire gu Lerothodi, priomh cheann-feadhna nam Basutos, a dh’fheorach ciod a bha e ’cur roimhe dheanamh. Thug Lerothodi an teachdaire stigh d’a bhothan, agus sheall e dha dealbh na Ban-righ, ag radh:—“So agad ar mathair. Agus an uair a theid mathair a chogadh, theid a cuid mhac uile chogadh air a taobh.” -eachd mhath agam dhutsa ma tha thu deonach eisdeachd rithe.” “Co thuirt riut gur e Daniel an t-ainm a th’ ormsa?” “Thuirt thu fhein; agus tha cuimhne gle mhath agam air an am agus air an aite anns an d’ innis thu dhomh e.” An uair a chuala e so, leig e an gunna bhar a lan togail, agus bha e tiotadh ’na thosd. “Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu’m faca mi thu riamh gus a so,” ars’ esan. “Bha mise fad uine ’fuireach anns an aon taigh agus a’ cadal anns an aon t-seomar riut ann an Glasacho.” “Am bheil thu ’g radh rium, Eachainn, gur tu ’th’ ann? Ciod air an t-saoghal a chuir an rathad so thu?” An uair a bha e ag radh so, choisich e gu cabhagach ’nam choinneamh, agus rug e air laimh orm ’na dha laimh, agus theab nach leigeadh e as mo lamh. An uair a leig e as mo lamh, chuir e seideag anns an dudaich a bha ’n crochadh ri chliathaich, agus ann an uine ghoirid thoisich na daoine a bha maille ris ri cruinneachadh a dh’ ionnsuidh an aite anns an robh sinn le cheile ’nar seasamh. “Nach ’eil beagan dhaoine comhladh riut an so,” ars’ esan. “Tha sinn ann naoinear gu leir,” arsa mise. Thainig sinn do’n duthaich so a bhuinig an oir, agus tha sinn a’ deanamh deiseil gu tilleadh dhachaidh. Mur b’e an t-eagal a bh’ oirnn gu’n rachamaid air seachran anns a’ cheo, bha sinn air falbh roimhe so?” arsa mise. “Ciod a chuir do’n aite fhasail so sibh a bhuinig an oir? Cha chreid mi gu’m bheil or ri fhaotainn anns a’ chuid so dhe’n duthaich. Ma tha, cha chualas guth no iomradh fhathast gu’m bheil e ann.” “Tha pailteas oir ri fhaotainn, nam biodh doigh mhath aig daoine gus a bhuinig. Agus ged nach robh sinne pailt a dh’ inneal gus a bhuiuig, fhuair sinn na chumas suas sinn ri ar beo, ma theid againn air faighinn dhachaidh gu sabhailte leis,” arsa mise. “Ach Eachainn,” ars’ esan, “ciod e ’chuir anns an eideadh sin thu? Cha’n ’eil mi ’creidsinn gu’n aithnicheadh do mhathair thu, nam faiceadh i thu an drasda.” “Nach feumainn rudeigin a chur umam a dh’ fhalaicheadh mo chraicionn? Faodaidh tusa ’bhith cinnteach gu’m bithinnsa air m’ eideadh na b’ fhearr na so nan robh mi dluth air aite anns am faighinn aodach. Na leithid so de dh’ aite iomallach, feumaidh daoine cur suas leis an rud a gheibh iad ann,” arsa mise. An uair a bha sinn a’ comhradh mar so, thainig na daoine aigesan gu leir, agus na daoine againne, far an robh sinn. Cha robh fhios aca taobh air thaobh ciod a theireadh iad an uair a dh’innseadh dhaibh gu ’n robh mise agus Daniel eolach air a cheile mu’n d’ fhalbh sinn a Breatunn. Shuidh sinn uile air bruaich na h-aimhne, agus sinn gu leir cho companta ri cuideachd a chunnacas riamh. Thug Daniel agus a dhaoine gu leir am mach an cuid phioban agus an cuid spliucan as am pocadain, agus thoisich iad ri gabhail smoc. Bha ioghnadh orra nach robh sinne a toirt lamh air ar pioban. Ach bu duilich dhuinn, oir cha robh pioban no tombaca againn. Theirig na thug sinn leinn iomadh mios roimhe sid, agus cha robh againn ach deanamh as aonais. An uair a thairg iad smoc dhuinn, ghabh sinn gu toileach uapa e, oir cha bu mhath leinn gu ’n saoileadh iad gu’n robh sinn air son coimhicheas sam bith a chumail suas riutha. Fhad ’s a bha [TD 162] [Vol. 8. No. 21. p. 2] sinn ’nar suidhe ’gabhail smoc, bha sinn a bruidhinn air cho pailt ’s a bha’n t-or anns an aite ud, agus air mar a thachair dhuinn le fior thuiteamas amas air an aite cho math air son buinig an oir ’s a bha ri fhaotainn ann am Brasil gu leir. Is iomadh latha o’n uair ud a bha mi ’smaointean air mar a tha ionmhasan na talmhainn, agus nah-innleachdan cho feumail do mhac an duine ’s a tha’n diugh air an talamh, air am faotainn am mach le fior thuiteamas. An uair a dh’ fhalbh sinne a Demerara, cha robh smaointean sam bith againn air a dhol do’n aite fhasail, iomallach ud. Cha robh fhios againn gu’n robh a leithid a dh’ aite air ur-uachdar na talmhainn. Agus mur b’e gu’n robh sinn a’ teicheadh le ar beatha o na daoine o’n d’ thug sinn am fudar, an luaidhe, agus iomadh rud eile, bha sinn fhathast gun amas air an aon aite anns am b’ fhasa dhuinn ar fortan a dheanamh. Fad iomadh latha agus oidhche, bha sinn sgith, fann, acrach, agus fo mhor dhragh inntinn. Ged nach robh fhios againn air—ach bha fios aig Tomas air gle mhath—chaill sinn gu buileach ar cursa. Cha b’ urrainn cuisean a bhith air a chaochladh. Nan robh sinn a’ feuchainn ri ar cursa ’ghleidheadh, is docha gu’n robh sinn air ar beatha chall air aon doigh no doigh eile. Mar a chuir iadsan sinne, agus gun smaointean sam bith aca air, air a’ cheart cheum anns am b’fhasa dhuinn ar fortan a dheanamh, chuir sinne, an uair a fhuair sinn greim air a mhaileid aig Daniel Sampson, iadsan air a’ cheart cheum a threoraich iad air a’ cheann mu dheireadh a dh’ionnsuidh an fhortain a bha iad a’ sireadh fad bhliadhnachan. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XX. Bha eagal air Badoura gu’m faigheadh Alsaman am mach o dhaoine eile mar a bha cuisean, agus air an aobhar sin, chuir i roimpe gu ’n deanadh i i-fhein aithnichte dha, agus, mar sin, gu’n cuireadh i crioch air an trioblaid inntinn a bha iad le cheile ’fulang; oir thug i an aire gu’n robh e ag osnaich gu trom a h-uile uair a bhiodh i a’ bruidhinn ris mu thimchioll nan gnothaichean a bhuineadh do ’n rioghachd. Ged a bha i ’cumail chuisean an cleith air cho math ’s a b’ urrainn i, bha eagal oirre nach rachadh aice air cumail oirre fhein na b’fhaide. A bharrachd air so, bha Alsaman air tighinn gu bhith fo mhor mheas aig ceannardan an t-sluaigh, aig maithean na cuirte, agus aig an t-sluagh gu leir. A dh’ aon fhacal bha gach aobhar aice air a bhith ’creidsinn gu ’m faodadh i gu sabhailte Alsaman a chrunadh ’na righ air Eilean Ebene. Cha bu luaithe a chuir Badoura roimpe gu ’n deanteadh mar so na chuir i, le aonta Hatalna, fios air Alsaman. An uair a thainig e, thuirt i ris, “Tha toil agam bruidhinn riut mu thimchioll gnothaich a tha gle chudthromach, agus feumaidh mi do chomhairle fhaotainn. O ’n is ann air an oidhche is freagarraiche dhuinn bruidhinn mu’n ghnothach, thig thusa an so aig feasgar, agus their thu riutha aig an taigh, nach ruig iad a leas duil a bhith aca ruit dhachaidh gus am maireach. Bheir mise ordugh leaba bhith deiseil dhut anns an luchairt.” Rainig Alsaman an luchairt am feasgar ud air a’ cheart uair a dh’ ainmicheadh. Thug Badoura a steach e do sheomar diomhair, agus dh’ aithn i do’n chaillteanach a bhiodh a’ frithealadh do na seomraichean, an dorus a dhruideadh, agus gun e fhein no neach sam bith eile a dhol a steach air. An sin thug i Alsaman a steach do sheomar eile a bha ri taobh an t-seomair anns am biodh i fhein agus Hatalna a’ cadal. Bha leaba anns an t-seomar so, agus an uair a chaidh iad le cheile steach ann, agus a dhruid i an dorus, thug i lamh air bocsa, agus thug i mach clach-bhuadhach as, agus thug i do dh’ Alsaman i, ag radh, “Cha ’n ’eil fad’ o’n a thug reuladair dhomh a’ chlach-bhuadhach so; o’n a tha thusa ’na d’ dhuine aig am bheil eolas is fiosrachadh mu thimchioll moran nithean, is docha gu’n teid agad air innseadh dhomh ciod am feum a th’ innte.” Rug Alsaman air a’ chloich-bhuadhaich as a laimh, agus chaidh e dluth do’n chruisgean gus sealladh na b’ fhearr fhaotainn dhi. Cha bu luaithe ’dh’ aithnich e i na thuirt e, agus ioghnadh anabarrach air a thug mor thoileachadh do Bhadoura, “Le ’r cead, a righ, tha sibh a’ feorach dhiom ciod am feum a th’ anns a’ chloich-bhuadhaich so. Mo chreach! is e am feum a’s fhearr a ni i, gu’m marbh i mise le doilighios agus le eu-dochas, mur faigh mi gun dail greim air a’ bhana-phrionnsa a’s maisiche a tha air an t-saoghal. Buinidh a’ chlach-bhuadhach so dhi, agus is e an doigh anns an do chaill i i bu choireach gu’n deachaidh mise troimh mhoran uidil is allabain o chionn aireamh bhliadhnachan. Agus nam bu toil leibh eisdeachd ri mo sgeul, ghabhadh sibh truas gu leor dhiom. “Innsidh tu sin dhomh aig am eile,” arsa Badoura. “Tha mi gle thoilichte gu’m bheil agam ri innseadh dhut, gur aithne dhomh ni eiginn m’ a dheidhinn mar tha. Fan thusa far am bheil thu gus an till mise steach: cha bhi mi tiotadh gun tilleadh.” An uair a thuirt i so chaidh i steach do sheomar eile, agus chuir i dhith an ceannaodach rioghail, agus gach ball eile de dh’ aodach firionnaich a bha uimpe. Chuir i uimpe a’ cheart aodach a bha oirre an latha dhealaich iad, agus thill i steach do’n t-seomar. Ghrad dh’ aithnich Alsaman i, ruith e ’na coinneamh, agus chuir e a dha laimh mu’n cuairt oirre, agus thuirt e, “Nach mi a tha fad’ an comain an righ a thug gu h-obann a leithid de thoileachadh dhomh!” “Na biodh duil agad ri sealladh fhaicinn dhe’n righ tuilleadh,” arsa Badoura, agus i breith air ’na gairdeanan. “Is mise an righ; dean suidhe, agus innsidh mi dhut gu saor, soilleir mu gach ni a chum mi an cleith ort gus a so. Shuidh iad taobh ri taobh, agus dh’ innis i dha, facal air an fhacal, a h-uile car a rinn i, agus a h-uile rud a dh’eirich dhi o’n latha dhealaich iad ri ’cheile. Agus an uair a chuir i crioch air na bh’ aice ri innseadh dhasan, dh’ innis esan dhise a h-uile car mar a dh’eirich dha fhein. Agus an uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri innseadh dhi, thuirt e rithe, ann am briathran ciuin, caoimhneil, nach robh e ceart dhi ’fhagail cho fad’ ann an aineolas air mar a bha cuisean eatorra. Ach ghabh ise a leithsgeul, agus dh’ innis i dha na h-aobhair a chaidh ainmeachadh anns an sgeula no mar tha. O ’n a bha a’ chuid bu mho dhe’n oidhche air a dhol seachad, chaidh iad a laidhe. Cha bu luaithe ’thainig an latha na dh’ eirich Alsaman agus Badoura. Cha do chuir i uimpe an trusgan rioghail idir, ach chuir i uimpe deise boirionnach. Chuir i an t-ard chaillteanach far an robh Armanos, an righ, a dh’iarraidh air tighinn do ’n t-seomar far an robh i. An uair a chaidh an righ a steach do’n t-seomar far an robh i, ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e boirionnach ’na suidhe ann nach robh e ag aithneachadh, agus ard fhear-ionmhais na rioghachd ’na shuidhe ri ’taobh; oir cha robh e ceadaichte dhasan, no do dh’ fhear eile de mhaithean na cuirte, a dhol a steach do sheomraichean nam ban. Shuidh e, agus dh’ fheoraich e c’aite an robh an righ. Fhreagair Badoura agus thuirt i, “Le ’r cead, bu mhise an righ an de, ach an diugh is mi Badoura, bana-phrionnsa Shina, bean laghail Alsamain, aon mhac righ Schaman. Ma ’s e toil bhur morachd eisdeachd a thoirt dhomhsa agus dhasan gu foighidneach, tha dochas agam nach dit sibh mi air son an doigh anns an do mheall mi sibh.” Thuirt an righ rithe i dh’ innseadh a naigheachd dha, agus dh’eisd e rithe othoiseach gudeireadh le mor ioghnadh. An uair a chuir Badoura crioch air na bh’aice ri innseadh dha, thuirt i ris, “Le ’r cead, a righ, ged nach ’eil ar n-aidmheil a’ toirt lan chead do dh’ fhirionnaich barrachd is aon bhean a bhith aca aig an aon am; gidheadh, ma dh’aontaicheas bhur morachd Hatalna bhur nighean a thoirt mar mhnaoi laghail, phosda do dh’Alsaman, bheir mise le m’ uile dheoin cead dha bhith ’na banrigh ’nam aite, ged is ann agam a tha coir gu dligheach air an urram so, agus bidh mi riaraichte le urram a’s isle. Agus ged nach bitheadh coir sam bith aice air an urram so, bheirinn-sa dhi e, an deigh na comain a chuir i orm an uair a chum i cho math an cleith an diomhaireachd a bha eadrainn. Ma chuireas sibhse a’ chuis m’ a coinneamh, tha mi ’creidsinn gu’m bi i deonach gu leor; oir chuir mi fhein an tairgse m’a coinneamh mar tha.” Dh’ eisd Armanos ris na briathran so le anabarr ioghnaidh, agus an uair a sguir i bhruidhinn, thionndaidh e ri Alsaman, agus thuirt e, “Bha mise an duil gus a so gu’m b’ e Badoura do bhean-sa, mo chliamhuinn, ach tha mi nis a’cluinntinn nach i; agus ged a mheall i gus a so mi anns a’ chuis, cha’n ’eil diumbadh sam bith agam oirre. Agus o’n a tha i nis deonach gu’m posadh tusa mo nighean, cha’n ’eil dad agamsa ’na aghaidh. Ach bu mhath leam fios fhaotainn am bheil thu fhein toileach a posadh, agus crun na rioghachd a ghabhail. Tha mi meas gu’n robh Badoura airidh air crun na rioghachd a bhith aice gu latha ’bais, mur b’e gu ’m bheil i fhein ’ga chur uaipe.” “Le ’r cead, a righ,” ars’ Alsaman, “ged a tha mi ’miannachadh gu mor m’ athair fhaicinn, chuir sibh fein agus Hatalna bhur nighean fo leithid de chomain mi ’s nach diult mi ni sam bith dhuibh.” Gun dail sam bith ghairmeadh Alsaman ’na righ air Eilean Ebene, agus air a’ cheart latha sin fhein, phos e fhein is Hatalna. Agus bha aoibhneas is gradhnachas mor araon anns an luchairt, agus air feadh na rioghachd gu leir. Agus bha h-uile aobhar aig Alsaman air a bhith toilichte leatha, oir bha i ’na boirionnach geur-chuiseach, maiseach, agus bha gaol mor aice air. Bha ’n da bhanrigh cho cordteadh, caoimhneil, cairdeil ri cheile ’s a b’ urrainn a bhith, agus bha ’n aon mheas aig Alsaman orra le cheile. Mu ’n d’ thainig ceann bliadhna rugadh dithis mhac dha, agus bha aoibhneas is gairdeachas mor anns an rioghachd an uair a rugadh iad. B’ e am mac a bh’ aige o Bhadoura a rugadh a toiseach, agus thugadh Amgiad mar ainm air. Agus thugadh Asad mar ainm air a’ mhac a bh’ aige o Hatalna. (Ri leantuinn.) Tha e na sheann radh nach eil duine fior shona anns an t-saoghal so ach am fear a tha ghnath ag obrachadh air son math dhaoin’ eile. Agus tha duine glic araidh ag radh gur h-e ’s aobhar dha sin gur i sin an aon obair anns am bheil an cinne-daoine deonach a dhoigh fhein a leigeil le duine. [TD 163] [Vol. 8. No. 21. p. 3] CEUD THURUS NA BAN-RIGH DO DH’ ALBAINN. (Air a leantuinn.) DI-MAIRT. Dh’ fhag a’ Bhan-righ Caisteal Dhrumain air naoi uairean s’a mhaduinn, rathad Srath-Earn; agus b’e sin an turus ard chaithreamach, buadhach. Chaidh gach tighearn, ’us tuathanach, ’us fear-ceairde, fear ’us bean, balach ’us caileag, ’mach a thoirt urram dhi. Aig Orchill, bha bogha mor ard air a chur thairis air an rathad-mhor, agus thainig a Bhan-righ ’s am Prionnsa ’mach as a’ charbad a choimhead an aite; oir ’se so an t-aite na chaisg na Gaidheil na Romanaich o shean. Iadsan a bhuadhaich thairis air an t saoghil uile, ’s do na striochd gach tir, chuir Albanaich nam beann stad orra ’san aite so, ’s cha d’ fhuair a h-aon diubh dol ceum ni b’ fhaide. Bha Bhan-righ anabarrach toilichte gu’n do chomharraicheadh a mach an t-aite ainmeil so dhi. Aig tigh Chier bha uidheamachadh mor air a dheanamh, agus anabarr cosdais, leis an duine mhath Stirling, d’am buin an t-aite. Dh’ aidich a’ Bhan-righ agus am Prionns’ an t-urram so air dhoigh nach robh cumanta. Bha’n ni ceudna aig drochaid-Ailein, agus dluth do Chaisteal Airthrie, aite-comhnuidh Mhor-fhear Abercromby; ach ’sann aig drochaid Shrila bha’n t-uidheamachadh sonraichte. Cha b’ urrrainn innleachd no seoltachd ni a dhealbh, gun suim do chosdas, nach d’fheuch muinntir a’ bhaile so air an dilseachd a nochdadh. Bha iad ag aoladh nan tighean fad seachduin, ’s a’ tarruing gheugan ’us bhlaithean, chum an cur ’nan uinneagan ’s air mullach an tighean. Air aon-uair-deug, chunncas i ’tighinn fad as, Loisg an seann chaisteal dararach, a thoirt sanais do’n t-sluagh, a bha air chorrabiod a’ feitheamh rithe. Fhreagair mile cnoc, le mactalla, le greadhnachas. Cha luaithe rainig i crioch a’ bhaile na dh’ fhosgail na gunnachan-mor an craos a ris, le dararaich rioghail a chuir crith gu bun air a’ chreig air am bheil an daingneach laidir so air a thogail, ’s a bhodhair, gu beag-ni, na miltean a bha mach. Choinnich Prothaist, agus Baillidhean, agus Ministeirean a’ bhaile i aig an drochaid, far an robh bogha mor aluinn, agus lobhtaichean air an uidheamachadh. Rinn iad umhlachd do’n Bhan-righ, liubhair iad iuchraichean a’ bhaile dhi, agus dh’fhailtich iad i. Thog an sluagh iolach a chualas miltean air astar. Bhris a’ ghrian a mach o chul nan neul—bha Nadur samhach, ciuin, fo chlos, mar gum biodh i ’cumail air a h-anail; agus da rireadh bu mhoralach an sealladh gu leir! ’Nuair liubhair i na h-iuchraichean do’n Prothaist, ghabh i air a h-aghart a failteachadh le ’laimh ’s le ceann, i fein ’s am Prionns, an t-sluaigh mhoir a bha mu ’timchioll ri iolach. Chaidh a’ charaid rioghail ’s na bha maille riu, le luchd riaghlaidh Shrila, ’nan carbad eireachdail, air a tharruing le ceithir eich cho aluinn ’s a chaidh riamh an carbad, troimh shraidean a’ bhaile; ’s a h-uile uinneig ’us aite lan, ’s an sluagh a’ togail iolach, ’s a’ cur an adaichcan ’s an neapicinean-poca geala mu’n cuairt an cinn, ’nan laimh. ’Se ’n righ ma dheireadh a ghabh an t-slighe cheudna Prionns Tearlach bochd; ach bu mhor an t-eadar-dhealachadh eadar an da latha! Bha oillt is eagal air daoine ’san am sin roimh na Gaidheil; an diugh cha’n ’eil ri eisdeachd no fhaicinn ach ceol, us aighear, ’us dilseachd; agus cha duine ach Gaidheal! Air da-uair-dheug, direach air aird a’ mheadhon-latha, rainig an carbad rioghail geata an t-seann chaisteal laidir so. Bha’n Reisimeid Dubh, le ’m boineid-iteach ’s le’n eileadh fo chomannd Maidsear Mac Dhughail na Gallanach, air an tarruing suas air gach taobh de’n rathad, mar dha cheud slat, ’s an gunnaichean gorma dearsadh anns a’ ghrein. ’Nuair rainig i ’n geata far a’ bheil an drochaid thogalach, chuir Sir Gilleasbuig Christie, baillidh a’ chaisteil, (laoch aosmhor, a chaill gu beag ni a leth-cheann ann an aobhar a righ agus a dhuthcha,) faillte oirre; ’s thug e mach as a carbad i. Liubhair a nis Sir Deorsa Murray, Coirneal na Reisimeid Duibhe, litrichean dhi, ’s e ’cur a laimh r’a bhoineid, gun a toirt dheth. Choisich i nis a stigh do’n chaisteal air brat riomhach sgarlaid a chuireadh sios air a son, agus gairdean a Phrionns’ aice. Lean Peel agus na maithean ’s na ban-tighearnan eile i; agus am measg chaich, bantighearna Shir Raonull, Fear Staffa, nach maireann. Chaith iad air a shuil leth uair sa’ chaisteal, a’ coimhead gach seann armachd agus ioghnadh eile tha an taobh a stigh. Bha na pioban a’ cluich gu h-iullagach, ’s chaidh a bhratach rioghail a chur a suas. Bha air blar dulth do’n chaisteal teine mor, agus mor-sheasar dhaoine rostadh daimh na chraicionn, a bha gu dinneir a thoirt do na bochdan, mar onoir air an latha. Sheas a Bhan-righ air a’ bhalla mhor thiugh, a’s chunnaic i sealladh nach ’eil ri fhaicinn na h-uile latha—beanntan Pheairt, Earraghaidheil, Dhunbhretunn, agus Dhuneidin, a larach nam bonn—na soithichean-smuide ag ialadh air an abhuinn shniomhanaich Forth—Bannockburn ’s an campa Sasunnach, ’s an campa Romanach, mar gum b’ eadh, aig a casan—agus am foghar a’ ciuin-luasg-adh, lan toraidh, air gach laimh. Dh’fhalbh a choisir uasal a nis ’nan carbad fosgailte air an athais troimh phriomh sraidean a’ bhaile, gus an d’ rainig iad a’ chrioch air an taobh eile. Aig geat’ a’ chaisteil, chunnaic sinn sealladh nach di-chuimhnich sinn—’se sin, cha luaithe chaidh Sir Raibeart Peel ’na charbad, na ruith an sluagh nan ceudan, a crathadh laimhe ris. Cha robh dol as aige—b’eigin da stad a chur air a charbad, ’s a’ Bhan-righ a leigeadh air a h-aghaidh, gus an d’ fhuair na miltean, bochd ’us nochd, crathadh d’a laimh, am feadh a bha uaislean o bharr-bhall a’ chaisteal a’ glaodhach le’n uile cumhachd, “Peel gu brath, sud ris!” Aig a chrich so do’n bhaile bha bogha-buadhach mor agus cosdail, air a chomhdach le duilleagan, ’s le fraoch, ’s le geugan, agus crun rioghail mor, do rosan ’s do bhlaithean eile, air ’fhior mhullach, agus ceathrar bhalachan boidheach eireachdail, air an eideadh ann am breacan, ’ga dhion. ’Nuair chunnaic a’ Bhan-righ iad, stad i an carbad, a’s ghabh iad beachd araid orra. Bha domhladas mor ’san aite so, a thog iolach a shaoileadh duine shrachdadh na speuran. Dhealaich Baillidhean mheasail dhealasach Shrila rithe ’nis, a’s ghabh i cead dhiubh le mor shuilbhireachd. Piseach air na gillean, rinn iad gu dearbh an dleasnas! ’Nuair dhealaich muinntir Shrila ris a’ Bhan-righ, ghabh tuath na duthcha, fo cheannas Choirneal Murray, triath Pholmaise, i fein ’s na bha maille rithe fo’n curam. Phill muinntir Shrila air an ais gu cuirm eireachdail a bha deasaichte air an son, ’s a roinn an daimh a chaidh a rostadh am measg an t-sluaigh, le uiread arain us beoir ’s a thogradh iad. Bha so air cosdas an duine fhlatheil uasail, Ramsay, M. P. triath Bharnton. Cha d’ rinn esan di-chuimhn air bochdan an aite. Soirbheachadh le Strila ’s na bheil ann! Ghabh a Bhan-righ air a h-aghaidh gu baile na h-Eaglaise-Brice. Bha deasachadh mor air a dheanamh ’san aite so mar an ceudna. Thachair gum b’e latha mhargaidh a bh’ ann, ’s bha sluagh anabarrach ’san aite—cuid diubh a Muile, a Cola, a Tirighe—as a Mharainn, ’s as gach cearn de’n Ghaidhealtachd, le miltean gun chunntas do chrodh ’s do chaoraich. ’Nuair chunn’cas, a’ tighinn i, chaidh na buithean a dhunadh, a’s thaisbean gach fear ’us bean iad fein ’nan eideadh Donuich. Chaidh a bhuidheann rioghail troimh ’n bhaile, fo ard iolach an t-sluaigh; agus cha b’e guth nan drobhairean Gaidhealach ’s an gillean a b’ isle!—troimh phairc mhoir an uasail fhlathasaich shuairc, Foirbeas, triath Challendar. Chaidh an triath, Foirbeas, agus a bhantighearna, leatha gu crich Linn-liobha (Linlithgow), baile anns a’ bheil seann phalais ainmeil, anns an d’rugadh Ban-righ Mairi, agus anns an robh Parlamaid na rioghachd a’ coinneachadh re iomad bliadhna. Cha robh am baile so oirleach air dheireadh air aiteachan eile. Ma thogadh ard-iolach riamh, thogadh an so i. ’S neonach nach do sgain ceann na Ban-righ leis gach iolach a chual i! Bha muinntir a bhaile so anabarrach toigheach mu Sir R. Peel. Thug iad a ris ’s a ris iolach air a shon, a ’s leum iad mu thimchioll a charbaid, a’ glacadh a laimhe, ’s ’ga fasgadh gu cridheil. Ach b’ eigin deifir a dheanamh—bha’n latha ’dol seachad, agus astar mor fathast rompa. Thainig a nis buidheann ur do dh’uaislean nan comhdhail, ’nuair dhealaich cach riu. Chuir Diuc Bhuccleugh e fein air cheann nan daoine so. Bha’n rathad-mor a h-uile ceum lan do chuideachd, agus sreathan do charbadan ’s do chairtean air gach taobh. Rainig a’ mhor bhuidheann Duneidin leth-uair an deigh ceithir, ’s a’ Bhan-righ ag amharc moran ni b’ fhearr airson a turuis do’n Ghaidhealtachd. Bha ’h-aodann air a dhathadh beagan leis a’ ghrein. Bha ’bilean mar an dearcag, agus i sunndach suilbhear. Da rireadh, bu bhoidheach chiatach am boirionnach beag i ’nuair rainig i, air feasgar an latha so, pailiunn Dhiuc Bhuccleugh! Ma bha sluagh mor ’ga coinneachadh an latha thainig i ’dh’ Albainn, bha uiread eile nis ’san aite so ’ga failteachadh air a h-ais a “tir nam beann ’s nan gaisgeach!” Bha i caileigin sgith air an fheasgar so. Cha chualas a bheag uaipe ach moladh nan Gaidheal, ’s gach sealladh a chunnaic i. ’S culaidh-thaingealachd nach robh aite an deach i nach b’e ’n stri co bu mho ’chuireadh do dh’ urram oirre; agus nach cualas focal, ’s nach facas ni, o’n latha ’dh’ fhalbh i gus an latha na phill i, ach na bha taitneach dhi fein ’s do na daoine suairce, ard, uasal, a bha maille rithe. Pilleadh na Ban-righ air a h-Ais do Shasunn. DIAR-DAOIN, AN CUIGEAMH-LA-DEUG DE ’N MHIOS. So an latha air na chuir a’ charaid rioghail rompa Albainn fhagail, agus pilleadh gu’n luchairtean arda aluinn fein ann an Windsor. Ma bha Bhan-righ moch air a cois, bha muinntir Dhailche ’s Dhuneidin co moch, agus co deigheil togarrach air sealladh eile fhaotuinn dhi ’s a bha iad riamh. Bha Prothaist Dhuneidin ’s na Baillidhean nan earalas air an latha so. Cha ’n eil teagamh nach robh naire air na daoine coir mar thachair air a cheud latha. Bha deagh riaghailt air a dheanamh leo ’nis, ’s a h-uile uidheamachadh chum onoir a chur air a’ choisridh rioghail mar bha iad a pilleadh air ais troimh ’n bhaile-mhor, ’s a’ fagail na duthcha. Bha’n latha soilleir grianach, agus bha’n sealladh, mar thainig a’ chuideachd a stigh, ’s mar chaidh iad troimh ’n bhaile, aille agus suilbhir. Bha’n t-arm-dearg a mach air fad, ’s luchd nam boghachan-saighead, ’s uaislean na tire, ’s an sluagh mor gu leir. Cha robh fear no bean, bochd no beartach, (Air a leantuinn air taobh 166.) [TD 164] [Vol. 8. No. 21. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiscach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, DESEMBER 1, 1899. LITIR A CEAP NOR. Tha MAC-TALLA ’tighinn gu riaghailteach a dh’ionnsuidh gach aon deth luchd-gabhail ’s an aite so. ’Nuair rainig an “Tuathanach Ban” dhachaidh leis an oidhche roimhe, agus mun d’fhuair e suidhe gu suil a thoirt ann, ’s ann a chlisg a chridhe le bhi cluinntinn neach eiginn a bha ’lathair ag radh, “Ach gu de an dealbh a tha’n so? O! Pol Crugeir nam mallachd! Mac na h-eiginn!” Olc ’s mar bha’n cliu ud air a bhodach reasgach Cruigeir, is lionmhor iad air feadh an t-saoghail, agus gu h-araidh an Africa, a tha ’toirt cliu moran a’s miosa araon dha fhein agus do mhoran de chuid iochdarain. Cha’n ’eil neach sam bith a leughas na paipearan naigheachd gu curamach nach faod fhaicinn gu soillear gu’m bheil an t-am air tighinn anns am bheil lan choir aig Breatuinn air crioch a chur air aintighearnas a bhodaich ud. A reir a luchd-ughdarrais is fiosraiche tha mu ochd ceud agus fichead mile de dhaoine geala ann an Africa Deas. Anns a bhliadhna 1891 be’n aireamh sia ceud agus coig mile deug thar fhichead seachd ceud agus tri fichead ’s a coig deug. (635,775). O’n am sin tha moran a bharrachd dheth na Sasunnaich air a bhi ’dol a ghabhail comhnuidh ’s an tir ud na bha dol innte dheth na Duitsich. Ag gabhail uile Mhor-roinnean Africa Deas tha na Duitsich leth cheud mile na’s lionmhoire na na Sasunnaich. Anns an Transbhaal, Natal agus Rhodesia tha Sasunnaich moran na’s lionmhoire. Tha aireamh an luchd aiteachaidh Sasunnach a dol gu bras am meud. Tha so air a bhi ’cur moran iomagain air na Boers, a bha toirt fainear gu’n tugadh an sluagh Breatunnach a thug saorsa agus co-ionannachd do na Duitsich an Ceap Colony, Natal, agus an Rhodesia, ionnsaidh air a cho-ionannachd cheudna thoirt do uile luchd-aiteachaidh an Transbhaal. Air eagal ’s gu’n tachradh sin chosg na Boers muilleanan phuinnd ann a bhi ’togail dhaingnichean laidir agus a’ deanamh gach gne ullachaidh air son iad fein a dhion o chumhachd Bhreatuinn, agus bha’n t-airgiod sin uile air fhasgadh gu h-eucoirach o na h-Outlanders aig an robh an dlighean air an stampadh fo chasan nam Boers gu buileach. Na’m biodh na Breatunnaich a tha fo ain-tighearnas Chruigeir toileach a ghnath air a bhi beo agus a saoithreachadh as eughmhais an coirichean dligheach,—a paidheadh cis sam bith a thogradh am Boer iarraidh orra, cha’n ’eil teagamh nach gabhadh an cogadh seachnadh aig an am so; ach bha ’leithid a dh’fhuath aig na Boers dha na Sasunnaich ’s gu’n robh iad air an aomadh le sin gus an suidheachadh a dheanamh do-ghiulainte doilghiosach. Buinidh ceithir earrannan as na coig do fhearann Africa Deas do Bhreatunn; tha dara leth nan daoine geala, agus naoinear as na deich dheth na daoine dubha ’n am Breatunnaich. ’S beag nach buin a mhalairt gu h-iomlan do Bhreatunn. ’S ann le a cumhachd agus le a cuid airgid agus teomachd a bha sith agus adhartas ’s an duthaich. Faodaidh fios a bhi aig na h-uile gu’n d’rinn Breatuinn a h-uile dhichioll a chum an cogadh so a sheachnadh, ach a dh’aindeoin gach dichioll cha dheoinicheadh Cruigeir ceartas dha na h-Outlanders ach ghairm e cogadh cho luath ’s a fhuair se e fein ullaichte. Thig car eile air ruidhle ’bhodaich ’n uair a gheibh Buller a dhol m’a thimchioll le chuid shaighdearan. M. D. Ceap Nor. Nobh. 22, ’99 Tha da litir againn a feitheamh air an ath aireamh dhe’n MHAC-TALLA,—litrichean a tha fhios againn a chordas ri ar leughadairean. Tha te o Iain Rothach, ann an New Zealand, caraid o’m beil sinn a cluinntinn gu math tric gach bliadhna; agus tha’n te eile o Sheumas A. Mac Gille-mhaoil, as na h-Eileanan Coille, an Eilean a Phrionnsa, fear nach eil a sgriobhadh cho tric. Tha sinn duilich nach b’ urrainn dhuinn aite dheanamh dhaibh air an t-seachdain so, ach gheibh iad deagh ait air an ath sheachdain. Tha sinn fada ’n comain nan cairdean a bhios a cuimhneachadh oirnn o am gu am le litrichean, agus bu mhath leinn tuilleadh a chuimhneachadh oirnn anns an doigh cheudna. Cha’n eil ’nar barail-ne ni dol ann am paipear a’s tlachdmhoire na litir mhath phoncail air a deagh sgriobhadh. Thuit a cheud shneachd a chunnacas riamh ann am Australia, ann am baile Melbourne o chionn mios air ais. Bha e cho trom ’s gu robh a chlann a deanamh mhucan-sneachda leis fhad sa mhair e. Tha aireamh mhor de bhoirionnaich aig an am so ag ionnsachadh na dotaireachd, agus cha’n eil teagam nach eil iad pailt na’s freagarraiche air an obair sin gu nadurra na tha na firionnaich. Ann am baile-mor Lunnainn, tha 85 ban-dotair ag obair cheana. Tir Nan Og. LE NIALL ROS. O c’ait ’eil aoibhneas Tir nan Og A mheudaich ceol nan Fiann? O c’ait ’eil cala ruin nam bard Is duthaich aigh am miann? Oir chrom na baird an cinn ’s an uir, Tha ’n clarsach tursach balbh; Is chaochail maise Tir nan Og Bho ’n theich a gloir air falbh. Oir mhuchadh soillse Tir nan Og, Rinn aoibhneach ceol nam Fiann, Is dh’fhalbh Malmhin do Thir nan Og ’S an laochraidh mhor o chian. Oir chrom na baird an cinn ’s an uir, Tha Cheolraidh tursach balbh. Is thuit an oich’ air Tir nan Og Tha ’loinn ’s a gloir air falbh. Nach cianail mar a shearg an dreach Air cluaintean Tir nan Og, Mar ’sgaoileas bruadar faoin mu seach Aig briseadh fair’ an lo, An till a snuadh gu ’cluaintean aigh, Am faigh na baird am miann? An till a’ mhaise ghrinn ni’s mo ’Rinn aoibhneach ceol nam Fiann? Ach cuin a thig an loinn air ais A thamh air Tir nan Og? No cuin’ a dhuisgeas fuaim nam fonn Mac talla trom nam frog? Cha laidh an Aois air Gaol no Ceol, Cea dean i leon d’ an dealbh; Oir chum iad sonas Tir nan Og ’S cha teich an gloir air falbh. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. MEUR-OIFIS ANN AN SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½ % ’sa bhliadhna BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. Earras (uile paighte) $12,000,000.00 Tasgadh 6,000,000.00 ARD-OFIS, MONTREAL. LUCHD-RIAGHLAIDH: An t-Ard Onarach, Morair Strathcona agus Mount Royal, G. C. M. C., Ceann-suidhe. An t-Onarach G. A. Drummond, Iar-Cheann-suidhe. A. T. Paterson, Sir Um. C. Domhnullach. Uisdean Mac Gill-fhinnein, R. B. Angus. E. B. Greenshields, A. F. Gault. W. W. Ogilvie. E. S. CLOUSTON, Ard Fhear-gnothuich. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. UM. TURNER, Fear-gnothuich. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— STATIONS. 90 Express 92 Accom. [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. P. L. NAISMITH, Supt. [TD 165] [Vol. 8. No. 21. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha baile-mor Lunnainn, le ’cheithir muillein gu leth sluaigh, a cosg ceud muillein dolair ’sa bhliadhna ann an deoch laidir. Ann an cearnan de Nobha Scotia, bha’n sneachda cho trom latha no dha air an t-seachdain s’a chaidh ’s gun robhtar a ruith shleigheachan. Ann a Westbrook, an staid Maine, thionndaidh na boirionnaich a mach an la roimhe, agus chreach iad aireamh de na taighean-oil bu mhiosa bha ’sa bhaile. Chuirte feum air buidheann de’n t-seorsa bhoirionnach sin ann an Sidni. Ann an Kingston, Ontario, aon oidhche o chionn ghoirid, chuala fear Tearlach Fralick, starban anns an taigh-chearc, agus chaidh e mach ’s loisg e urchair. Anns a mhaduinn fhuair e corp Iain James, ’s peilear air a chur na bhroilleach. Bha James an deigh ceithir dusain de na cearcan a mharbhadh mu’n do loisgeadh air. Bha blar mor air a chur ris na Boers Di-mairt s’a chaidh aig Modder Riuer. Bha ochd mile ann de na Boers, ’s iad ann an aite gle laidir. Mhair am blar deich uairean, agus an sin b’ fheudar do na Boers an larach fhagail. ’Se so am blar a’s motha chuireadh fhathast, agus bidh daoine gle thoigheach air tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn. Chaidh fear Edward West a chur an sas ann a Halifacs o chionn seachdain no dha air ais air son a bhi robaigeadh nam mails aig cala ’n rathaid iaruinn ’sa bhaile sin. Air an t-seachdain s’a chaidh, thugadh gu cuirt e; fhuaireadh ciontach e, ’s thugadh da bhliadhn’ deug dhe’n tigh-obrach dha. Fhuair gille d’am b’ainm Peuder, a bha aige ’na fhear-cuideachaidh ’sa mheairle, ordugh da bhliadhna chur seachad anns an ionad cheudna. Chaochail Eddie, aon mhac Aonghais G. Mhic Gilleain, anns a bhaile so, maduinn Di-luain s’a chaidh, an deigh tinneas mor fhualang re na bliadhna chaidh seachad. Bha e ’na dhuin’ og fo dheagh chliu, agus air an robh meas mor. Bha e air a thiodhlacadh maduinn Di-ciaduin; chaidh am band, de’n robh e ’na bhall, romh ’n ghiulan dh’ionnsuidh a chladh, a cluich fonn-siubhail nam marbh. Cha robh e ach bliadhn’ air fhichead a dh’aois. Tha co-fhaireachdainn againn ri ’athair ’s ri chairdean. O chionn aireaimh mhor bhliadhnaichean, bha dragh gu math tric ann am meinnean Springhill, eadar an luchd-obrach ’s sealbhadairean na meinne. Cha mhor gu robh bliadhna dol seachad gun an luchd-obrach seasamh a mach uair no dha. Tha sin a nise seachad; tha iad air tighinn gu cordadh nach bi an corr strikes ann. ach gu’m bi gach ni a bhios a cur eatorra air a chur air beulaobh seachdnar dhaoine aig am bi ughdarras an socrachadh mar a chi iad ceart. Tha triuir de na daoine sin air an taghadh leis na meinneadairean, triuir le sealbhadairean na meinne, agus tha ’n t-sianar sin a taghadh an t-seachdamh fir. Bidh e ’na bheannachd do mhuinntir Springhill na’s urrainnear air an doigh so na h-aimhreitean abhaisteach a sheachnadh. Chuir J. D. Walsh, fear tigh-osda ann an an Truro, crioch air fhein le peilear gunna Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Tha da fhichead ’sa coig ’nan laidhe leis a bhric ann an cearna de Chuebec. Tha i ann an naodh taighean deuga. Thatar a deanamh a mach gu’n tugadh i do’n aite as na Staidean le muinntir a thainig dhachaidh as an duthaich sin. Tha muinntir Ceap Town a dol a chur failte chridheil air reiseamaid Chanada an uair a ruigeas i am baile sin. Thatar a deanamh gach deisealachaidh air son a leigeil fhaicinn do na saighdearan gu bheil meas iomchuidh orra air son an dilseachd do’n Impireachd Bhreatunnach. Tha soitheach-smuide aig an am so a’ gabhail luchd cruadhach ann a Philadelphia a tha gu bhi air a chur gu feum ann an togalaichean na h-obair iaruinn anns a bhaile so. Tha an luchd gu bhi coig mile fichead tunna a chudthrom. Tha coig deug air fhichead luchd dhe’n mheudachd cheudna ri tighinn; cho luath ’sa ruigeas a cheud luchd, toisichear air na togalaichean a chur suas. Chaidh fear Iain Domhnullach a mharbhadh ann am meinn Chaledonia Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bhatar a toirt cloich a mullach na meinne, agus bha i cho doirbh ’s gu’m b’fheudar dynamite a chur rithe. An deigh an spraidhidh, chaidh esan a stigh dha’n toll, agus direach aig an am sin thuit meall de’n chloich air, ’ga bhualadh ’sa cheann, ’s ’ga mharbhadh air ball. Bha e ochd bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois, agus dh’ fhag e bean us seachdnar chloinne. Tha muinntir Bhreatunn an deigh corr us leth muillein punnd Sasunnach a chur cruinn air son cuideachadh le teaghlaichean nan saighdearan a bha air an cur dh’ an Transvaal. Thatar mar an ceudna a nochdadh caoimhneis do na saighdearan fhein nach deach a nochdadh do shaighdearan Breatunnach riamh roimhe an am cogaidh. Tha a Bhan-righ fhein a’ cur bocsa de mhilseanan a dh’ionnsuidh gach aon de na saighdearan mar ghibht Nollaig—gibht a tha moran a smaoineachadh nach eil airidh air urra rioghail mar a tha ise. Ach cha’n eil teagamh nach bi na gillean gle thoilichte am faotainn. Ghlac na maoir Di-ciaduin s’a chaidh na bha de stuth laidir aig fear Timmins a bha cumail taigh-oil air taobh thall Muggah’s Creek, air chul na h-obair-iaruinn. Tha an duine so air leth chois, agus mar sin ann an tomhas eu-comasach air a bheolaind a chosnadh air doigh eile, ach cha’n eil sin ’na leisgeul sam bith air son a bhi bristeadh an lagha. Ma bha e bristeadh an lagha, rnneadh gu math a pheanaisteachadh; ach tha dochas againn nach esan leis fhein air an ruig lamh a cheartais. Nuair a rinneadh mar so air duine air leth chois, nach eil e reusanta smaoineachadh gu’m bi an ni ceudna air a dheanamh air na slaodairean eile, a tha slan, fallain, lan chomasach air iad fhein a chosnadh, agus am beolaind a dheanamh gu h-onarach uair sam bith a chi luchd-riarachaidh an lagha iomchuidh bacail a chur orra anns an obair mhaslach agus mhi-onarach a th’aca. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan. Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean. Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries. THA AR PRISEAN GLE ISEAL. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRU DHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. Cotaichean Mackintosh, Ulsters, Cotaichean Uachdair, Reefers, Coon, Dogskin & Wambat. AIG J. C. Mills, Sidni, C. B. GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. [TD 166] [Vol. 8. No. 21. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 136.) aig an robh comas gluasaid, nach robh ’mach. Bha Bhan-righ deas air ochd uairean. Ghabh i cead cairdeil de’n chuideachd ris an robh i ’dealachadh. an Dailche. Labhair i ris gach neach mu’n cuairt di a ris agus a ris, ag radh nach tig gu dilinn an latha a dhi-chuimhnicheas i na chunnaic i an Albainn, agus caoimhneas dealasach dileas gach neach. Chaidh Ban-diuc Bhuccleugh leatha na carbad, a’s dh’ fhag i caisteal an eireachdais, i fein ’s na bha maille rithe, a’s ghabh iad an rathad a stigh do Dhuneidin. Bha gach taobh de ’n rathad lan sluaigh. Cha do leig i leis a’ charbad ach gluasad gu h-athaiseach socrach, ’s e fosgailte, chum gun faigheadh gach aon cothrom air a faicinn. Cha luaithe rainig i Duneidin na chuir an seann chaisteal a ris failte oirre le gunnachan-mor; ach ’s gann gu ’n cluinnte fuaim nan gunnachan-mora fein, le iolach a’ mhor-shluaigh! Mu dheireadh rainig i ceadha Ghranton, far an robh an Trident (an soitheach-smuide bha r’a giulan do Lunnainn) agus deich mile sluaigh chum a faicinn air bord. Chuireadh na carbadan ’s na h-eich air bord air soitheach eile a’s ghleidhadh an Trident air a son fein amhain; ’s cha robh ni a b’urrainn innleachd a dheanamh chum i fein ’s am Prionns’ a chumail samhach seasgar, nach deach a dheanamh. ’Measg nithe eile chunnacas a’ dol air bord air an luing so, bha cabar ard, croiceach an fheidh mhoir a mharbh am Prionns’ an Gleann-Artnidh. Cha luaithe thoisich gunnachan-mor a’ chaisteal, na fhreagair na luingeas-cogaidh. Rainig a’ Bhan-righ an ceadha leth-uair an deigh a naoi. Cha robh long no bata aig nach robh gach bratach a bhuineadh dhaibh am barr nan crann—na seoladairean a mac air na slatan-siuil, ’s gach aon co deas glan ’s a bha ’na chomas. Bhuail gach coisri-chiuil suas “Failte na Ban-righ.” Thainig i mach a sa carbad Ghabh Diuc Bhuccleugh a lamh, ’s ghrad bha i air clar uachdrach na luinge maisich, a’s cach ’ga leantuinn. ’S ann a nis a thogadh an iolach! Sheas i ag amharc mu ’timchioll le moran taitneachais, ’s a nis chaidh i sios a dh’ amharc taobh a stigh na luinge; ach an tiota phill i ’ris. B’eigin falbh. Dhealaich i ris na h-uaislean arda bha maille rithe. Phog i Bhan-diuc Bhuccleugh, ’s na bantighearnan ard eile bha maille rithe; as chrath i lamhris na h-uaislean, ag radh a ris agus a ris nach di-chuimhnicheadh i gu brath blathas an dilseachd, agus caoimhneas muinntir na h-Alba—nach do chuir i riamh seachad uiread do dh’ uine co taitneach. Air dheich uairean dh’fhag an Trident an ceadha. Bha ’cuibhlean a nis fo’n lan shiubhal. Mach a thug i troimh ’n cabhlach mhor, ’s a’ Bhan-righ ’s am Prionns nan seasamh anns an deireadh, ag amharc air na dh’ fhag iad air tir, agus deich mile urnuigh ag eiridh as a leth, gun cuireadh am Freasdail caomh sabhailt dhachaidh iad. Lean na luingeas coimheadachd iad, a’s ann an uine bhig bha iad as an t-sealladh. Phill an sluagh dhachaidh, fo sholas gu’n robh an aimsir co ciuin; oir bha’n latha grianach, agus fe-nan-eun air a’ chuan. A’ BHAN-RIGH AIR A H-AIS AN LUNNAINN. Bha’n aimsir fad na slighe co ciuin samhach ’s a dhuraichdeadh cridhe. Tiota beag an deigh dheich uairean ’sa mhaduinn, thainig an cabhlach rioghail an sealladh Lunnainn. Bha fiughair rithe fad na h-oidhche. Bha gach aon na aite fein, ’s gach ni deas. Chunnacas an Trident eireachdail uaibhreach a’ gabhail air a h-aghart suas an abhuinn, leis a’ bhrataich rioghail a’ luasgadh ’san t-soirbheas, a’s thuig gach aon co bh’aic’ air bord. Cha robh dun, na caisteal, no long, no soitheach, nach d’fhailtich air an ais Victoria agus Prionns’ Albert. Ma thogadh caithream bhuadhar ’nuair dh’ fhalbh i, thogadh caithream deich uairean ni b’ airde agus ni bu dhealasaich a nis! ’N uair chaidh i stigh do’n bhat’-fhada bha r’a toirt gu tir, dh’ fhosgail gunna-mor thar fhichead an craosan! Bha ’n carbad rioghail air tir a’ feitheamh oirre, agus uachdaran uasal an aite (Woolwich). Chuir an t-arm failt’ oirre, agus a nis, co luath ’s a b’urrainn ceithir steud-eich riomhach, thug i ’luchairt mhor fein oirre, ’s phog i fein ’sam Prionns’ a paisdean rioghail ciatach. ’Bha Bhan-righ air a h-eideadh ann am breacan sioda, mar onoir do thir a’ bhreacan as an d’ thainig i—duthaich de na ghabh i gradh agus nos nach caochail uine. Tha’n turus a nis seachad; agus ged, theagamh, a tha cuid do dhaoine ann a bha gun suim do gach sealladh taitneach a chunnaic iad, ’s do gach ni thachair o na dh’fhag gus na pill i, cha’n ann de’n aireamh sin, ’s dearbh-chinnteach sinn, clann nan Gaidheal tha ’leughadh a’ Chuairtear! Cha ghradh faoin a bh’ aig na Gaidheil riamh d’an cuid righrean. Tha dilseachd ’us tairisneachd ard a’ ruith nan cuislibh air son nan righrean a dh’ altrum iad ’s na linntean a chaidh seachad; agus fathast—’seadh, fathast, nam biodh feum air—tha iad ann an tir nam beann co deas ’s a bha na daoine treun o’n d’ thainig iad gu fuil an cridhe ’dhortadh airson na Ban-righ, a tha, ann am freasdal Dhe, thairis orra! Tha na Gaidheal fada, fada ’n comain Mhorfhear Bhraidalba agus nan uaislean eile ’rinn, fo’m breacan ’s fo’n eileadh, na Gaidheil a chruinneachadh air an am so; agus tha dochas againn gum bi barrachd baigh aige fein, ’s aig gach Diuc ’us Tighearna aig a’ bheil oighreachd ’sa Ghaidhealtachd, air na laoich ghasda th’aca air an cuid fearainn, agus gu’n dean iad, o so suas, gach ni nan comas chum cothrom a thoirt doibh, ’s an altrum le caoimhneas agus baigh; oir c’ait’, air aghaidh an t-saoghail, am faighear daoine co ceatharnail, co treun, co dileas? Agus an latha ’dhiultas iad gairm an uachddarain a fhreagairt, cha’n ann acasan ach aig na h-uachdarain a bhios a choire. Cha’n abair sinn diog air an amsa mu chuid do thighearna, aig nach ’eil tuath no daoine ri thaisbeanadh—feadhainn, nan tigeadh a’ Bhan-righ ’nam measg, aig nach ’eil mar cheatharnaich luchd-leanmhuinn ach muilt, ’us rutaichean, ’us caoraich-mhora; airneo coitearan co bochd, ’s nam biodh iad air an gairm a mach gu failte ’thoirt dhi, aig nach ’eil aig fear ’san fhichead deise shlan a b’ urrainn doibh a chur orra. Mheudaich turus na Ban-righ gradh gach Albannach d’a taobh—theannaich e ni bu dluithe r’ar smuain an dilseachd bha ceangal ar cridheachan ris a chaithir rioghail; agus, ’san am cheudna, thaisbean a’ Bhan-righ gu robh i na h-airidh air riaghladh thairis air sluagh coltach riu. Slan leatha, an latha ’chi ’s nach faic! (A’ chrioch.) TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Seacaidean Cotaichean Deiseachan Deante DO NA MNATHAN, ’S DO NA CAILEAGAN. Curraichdean Ceannabharan Deiseachan Miotagan DO ’N CHLOINN. AIG J. C. MILLS, SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. MAC-TALLA: Paipear Gailig,—an aon fhear dhe sheorsa tha ri fhaotainn. A TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. Naigheachdan na Seachdain, Sgeulachdan, Dain, Orain, Eachdraidh, Litrichean, agus nithean taitneach eile air an toirt seachad o am gu am. ’S coir do gach neach aig am bheil gradh do CHAINNT A SHINNSIR, a bhi ’ga ghabhail, ’ga phaigheadh, ’s ’ga leughadh. [TD 167] [Vol. 8. No. 21. p. 7] An Cogadh. Bha coig blair air an cur o’n thoisich an cogadh, a cheud fhear aig Glen-agus am fear mu dheireadh air an d’ fhuaireadh sgeul aig Belmont. Tha cail an airm Bhreatunnaich anns gach blar mar a leanas; MARBH. Glencoe 48 Elandslaagte 51 Rietfontein 12 Farquahar’s Farm 60 Belmont 58 LEONTE Glencoe 219 Elandslaagte 213 Rietfontein 104 Farquhar’s Farm 238 Belmont 150 AIR CHALL. Glencoe 208 Rietfontein 2 Farquhar’s Farm 871 Belmont 18 A bharrchd air so, tha 37 oifigeach ri chur ri aireamh nam marbh, agus 98 ri aireamh na bha leonte. Eadar na chaidh a mharbhadh ’sa leouadh ’s a ghlacadh, chaill an t-arm Breatunnach uile gu leir, 2,588 duine. Cha’n eilear cinnteach cia meud duine chaill na Boers, ach tha fhios gu’n do chaill iad aireamh mhor. Gheibhear anns an aireamh so an t-oran a choisinn a cheud duais aig a Mhod Ghaidhealach: “Tir nan Og.” Is e ’m bard a rinn an t-orain so Niall Ros, duin’ og a tha chomhnuidh an Gleann-dail, ’san Eilean Sgitheanach. Choisinn e aireamh mhor dhuaisean aig Moid nam bliadhnachan a chaidh seachad air son bardachd agus sgriobhaidhean eile. Ann an aireamh 19 dhe’n phaipear so, gheibhear da oran a choisinn duaisean aig a Mhod, “Fhionnghal Dhomhnullach,” le Iain Mac Phaidean, agus “Uaghean Teaghlaich,” leis an Urr. Alasdair Dughlach. Bidh orain eile a choisinn duaisean air an toirt d’ar leughadairean ann an aireamh an ri tighinn. Ged nach deanadh am Mod a dh’fheum ach a bhi ’na mheadhoin air na h-orain bhriagha so a thoirt do’n t-saoghal, bu mhath a b’fhiach a chumail na h-uile bliadhna. NA GAIDHEIL DILEAS Iadsan a Phaigh Mac-Talla. A. N. Mac Amhlaidh, Steornabhagh, Que. D. I. Domhnullach, Milan, Que. W. A. Mac Eachuinn, Fort Steele, B. C. Dr Uisdean Mac Neill, Chicago, Ills. Ruairidh Mac Gilleain, Waipu N. Z. Prof. R. C. Harris, Kingston, Ont. Caorstaidh Nic Aoidh, Ripley, Ont. D. Mac Coinnich, Orwell Cove, E. P. I. Iain Mac Ille-mhaoil, Hawthorn, C. B. L. Mac Gilleain, Lexington. D. E. Mac Fhionghain, Ainslie Tuath. Iain Dughlach, Dutch Brook. Donnachadh Mac Coinnich, Milton. Domhnull Caimbeul, Eilean nan Ian. Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn. Bean Neill Mhoireastain, Salem Road. Iain Mac-a-Phearsain, Caledonia Mills, N. S. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c, &c. GAN CREIC SAOR. THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 168] [Vol. 8. No. 21. p. 8] SGIALACHD NA TROIDHE. V. Duan. AIR A THIONNDADH BHO GHREUGAIS HOMEIR GU GAIDHLIG ABRAICH, LE EOBHAN MAC-LACHAINN. (Air a leantuinn.) Suim cha d’ thug mise d’ a radh, Ge goirt orm an drast’ an call; Eagal m’ eachraidh dhol gu dith, No ’m fasadh an innlinn gann ’N uair bhiodh am baile ’n a dhraip ’S biuthadh ’g a thathum gu dian, ’S olc a dh’ fhuilgeadh m’ eich-sa ’n airc, ’S gu’n chleachd iad am pailteas riabh. Fagar iad ’s triallar ga m’ chois, M’ uigh a bogha crom nan cleas: A righ dhuilich, bu bheag m’ fhios, Nach cinneadh leam euchd ’s a’ ghreis. Thilg mi urchair air do shonn, Diomed muirneach nan glonn treun Mar ri brathair righ nam feachd, ’S thaosg an fhior fhuil bhras bho’n bheum. Thog mi ’m fraoch an aite n’ casg; Ormsa dhiong an dosgainn teum; An la bhuin mi nuas bho’n staing Bior merthallach cam gun fheum. ’S teann nach d’ fhuair mi ball-airm corr, Ri linn teachd do Throidh gu ’h-iul, Los druid’ ris a’ Ghreig an gleachd, ’S gu’m miadaicht’ air Hector cliu. Ma thilleas mise gu brath, ’S gu’m faic mi tir bhlath mo ghaoil, Mo thalla mor greadhnach ard, ’S a bhean aillidh dhearbh mo chaoin, Gu’n sgarar mo cheann bho ’m, chorp, Mur gabh mi seann stoc gun bhuaidh, Gu ’spealgadh ’n a bhruanaibh crion, Mar bhiadh miath do ’n lasair ruaidh. Thuirt ceann-stiuraidh feachd na Troidh’, Æneas bu mhor ’s an streup: Na labhair ’s an doigh so, shuinn, Ach thugamaid cuimhn’ air gleus. Le carbad ’s le eich nam buadh, Mosglamaid an cruas gu dian, Druidear leinn ri gnuis an t-seoid, ’S taisbeanear gu ’r mor ar fiach. Leum am charbad; dearbh le d’ shuil, Steudan Throis, gu’r luthmor, og Deas-ealamh, grad-charach seang, Null ’s a nall ann ’s an ruaig, Buinidh iad as sinn ’s an ruaig, Do dhaingnich nan stuadh gun bheud, Ma bhristeas oirnn gabhadh truagh, ’S gu’n diol Iobh a’ bhuaidh do’n Ghreig. Gabh-sa slat a’s srian nan seud, ’S innsear leams’ euchd le m’ chruaidh; Air neo ghlac-sa ’n trom-ghath geur, ’S ni mis’ iul do m’ steudan luath. Thug freagairt fhaicleach do n radh, Mac Lycaoin a b’ ard beus:— A cheannaird nan Troidheach aigh, Stiuir an eachraidh le d’ laimh fhein. Ged bhagradh an Diomed ar, Bheir iadsan sinn slan bho’n eug. ’S do’n mharcaich d’ an eol an gnaths, Diolaidh iad mar b’abhaist geill. Bheir iad droch leumannan-taoibh, Ma ’s e gu’n teid sgaoim ’n an ceann, Gun ghuth an eolaich ri ’n cluais, Cha diong iad duinn buaidh ach call. Thig mac Thid oirnn a dh-aon bheum, Cluinnear casgradh le h-eug truagh, Sguabaidh e ’n sin ar cuid steud, Mach gu sreud a’ chabhlaich luath, Suidh thusa ’s a’ charbad ur, A stiureadh nan cruibh-each seang. Tairgim-sa cath do’n fhear mhor, Gu ’fhiachain ann comhraig lann. ’N uair chriochnaich labhairt nan sonn, Shuidh mar aon ’s a’ charbad ghrinn, ’S mharcaich an dail saoidh nan conn, ’N an deannaibh thair lom an fhuinn. Bheachdaich tighinn nan sar, Le Stenelus ard an cliu ’S mhosgail ri mac Thid nan gniomh, Le fior fhiamh am briathran dluth; Annsachd a dh-fhearaibh, an t-sluaigh A Dhiomeid mhoir, bhuadhaich, aigh, Chi mi na garbh-uaibhrich threun ’Na an dearg leum a’ ruith ’n an dail; Sliochd Lycaoin sid air thus, B’ e ’n lamh theom’ air cul nan calg. Faisg air mac Venuis a’ ghaoil, ’S dheagh Anchiseis nach baoth ainm. ’S leir do chliu-sa, ghaisgich fheil: As bimid le ’r steudan luath; Na ruith gu leirsgrios a d’ dheoin, ’S teasraig auam is mor luach. Fhreagair gaisgeach nan geur lann, ’S friodh feirg’ ag cur greann mu ’shuil; ’N ann a’ toirt spid’ dhomh le fiamh, A mholadh tu ’n gniomh gun diu? Leamsa cha bheus ceum air ais, Cha chaisteal dhomh geilt gun treoir; Cha d’imir ball-airm ’na laimh, Romh ’n gabh mise sgath ri m’ bheo. S tair’ leam marcachd air druim eich, Triallaim do ’n diachainn ga m’ chois, Cha’n fhaod mo chail a bhi tais, ’S Pallas a’ diol neart ’s a’ ghreis. Ged rachadh neach as an uair, A cheart aindeoin luas nan steud, Mur teid a’ charaid gu dith, Bidh fear dhiubh fo chis an eig. Impidh cuirim ort d’ a reir, Beachdaich gu geur air mo chainnt; Ma ’s e ’s gu’n toir Pallas buaidh, ’S gu’n tuit iad fo chruas mo lann, Fasdaidh m’ eich ’s a’ bhall so ’n raon, ’S an t-srian sinte thaobh an cuil; Leum gu suidh’, Æneais aidh, ’S glac na steudan is ard cliu. Sguab iad an sin leat ’nan dean, Null gu reang a’ chabhlaich mhoir. ’S iad silidh nan cruibh-each clis, A fhuair Tros mar ghibht bho Iobh; Air shailibh Gharaimeid ghrinn, Mheal e phris bho righ nan speur. An leth-bhreac cha’n fhacas riabh, Near no niar a’ triall fo’n ghrein. Bho sgann Laomedoin aird, Ghoid Anchises alach nuadh; Lairean basmhor sheol an treun An caraibh nan steud bith-bhuan, Sia searraich og, eangbhaidh, luath, Dh’fhas gu h-inbhe mu ’stuaidh mhoir; Ghleidh an righ ceithir gu feum, ’S bho iolainn fhein chaith iad lon. Fhuair Æneas seilbh a dha Thun nam blar, ’s gu’r aillidh ’n sgeimh; Na’n glact’ iad sid leinn ’s a’ chrich, Sgaoilt’ ar cliu ’s gach tir fo neamh. B’ amhuil comhradh an da shuinn, ’N uair thainig ’n a still ga’n coir A’ marcachd nan srann-each garg, Da fhear-stiuiridh arm na Troidh’. Thoisich air druideadh ’n an dail, Mac Lycaoin nan cath geur; Fhuirbidh mhoraich, mhilltich, bhrais, A shliochd an fhior ghaisgich threin, M’ iuthaidh cha chuireadh ort snaim, Aig feobhas a ruinn gu creuchd; Bheir mi nis’ ionnsuidh gun cheilg, Dh’ fhiach an diong an t-arm so gleus. Labbair e ’s tilgear ’n a deann, Glocach iaruinn an fhad chroinn; Bhuail e ’n sgiath bhreac air a druim, ’S romh ’n ghorm mhaillich shnamh an ruinn, Au sin thug mac Lycaoin eubh: Fhuair thu creuchd, a thriath nam buadh; ’S dearbh leam nach cian bhuat an t-eug, Bidh cuimhn’ air an euchd ri luas. (Ri Leantuinn.) Tha sinn an comain Dhomhnaill R. Mhic Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, an Ontario, air son e chur ugainn an orain a bha ar caraid a Boston ag iarraidh. Bidh e air a chur anns an ath aireamh dhe’n phaipear. Am Feillire. DESEMBER, 1899. 1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768. 2 Di-satharna 3 DI-DONAICH I. Donaich dhe’n Teachd. 4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Mone, 1608. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542. 9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685. 10 DI-DONAICH 11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718. 12 Di-mairt 13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784 14 Dior-daoin 15 Di-haoine 16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718. 17 DI-DONAICH III. Donaich dhe’n Teachd. 18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689, 19 Di-mairt 20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836. 21 Dior-daoin 22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH IV. Donaich dhe’n Teachd. 25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870. 26 Di-mairt 27 Di-ciaduin An fheill Eoin. 28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734. 29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766 30 Di-satharna 31 DI‘DONAICH MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F. A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F. An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 6 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4.30 p. m. 5.45 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN FEASGAR. DI-LUAIN AGUS DI-HAOINE.—Sidni, 7.15 agus 9 uairean: Sidni Tuath, 8 agus 10 uairean. DI-MAIRT AGUS DI-SATHARNA.—Sidni, 8 agus 10 uairean: Sidni Tuath, 7.15 agus 9 uairean. J. A. YOUNG, Manager. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - - - C. B [TD 169] [Vol. 8. No. 22. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 8, 1899. No. 22. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLIV. A CUR AR COMHAIRLE RI CHEILE. An uair a ghabh sinn ar smoc, agus a thug sinn greis air comhradh, thoisich na cocairean ri deasachadh a’ bhidh. Cha robh againne de bhiadh ach an fheoil a mharbh sinn a lath’ ud fhein. Cha robh acasan de bhiadh ach beagan arain a thug iad leotha as an aite as an d’ fhalbh iad. Ged nach robh feoil mar annas orra, ghabh iad gu toileach an cuid dhe na bh’ againne dhith. Thug iad dhuinne rud dhe’n aran a bh’aca fhein. B’e aran biadh a b’fhearr leinne an lath’ ud a b’urrainn duinn fhaighinn. Bha sinn uine cho fada gun aran a bhlasad ’s gur gann gu’n robh cuimhne againn air a’ bhlas a bh’ air. Cha deachaidh sinn as an aite anns an robh sinn; oir ged a bha’n uamha farsuinn gu leor gus sinn a shuidhe innte aig ar biadh, bha i astar math uainn. Agus shuidhich mi fhein is Tomas eadrainn, nach biodh cabhag oirnn a dh’ innseadh m’a deidhinn, no idir c’aite an robh i. Rinn sinn so gu glic; oir ged a bha sinn a’ reir choltais, cordteadh, companta gu leor ris na daoine a bha comhladh ri Daniel, bha teagamh againn asda. Bha fior choltas garg, aingidh, aingealta air an aireamh bu mho dhiubh. Tha amhrus laidir agam gu ’n gabhadh iad fath air teicheadh leis na bh’ againne a dh’ or, nan robh fhios aca c’aite an robh e. An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail, chaidh mi fhein is Tomas is Daniel, agus fear dhe na bha ’s a’ chuideachd aige, ceum beag a leith taobh, gus ar comhairle ’chur ri cheile mu thimchioll ciod bu choir dhuinn a dheanamh. Dh’ innis sinne dhaibhsan gach ni a b’ aithne dhuinn mu’n aite anns an do bhuinig sinn an t-or, agus thuirt sinn riutha gu’n robh sinn a’ creidsinn gu’n robh am pailteas dheth ri fhaotainn air feadh astar mor dhe’n fhearann a bha air gach taobh dhe’n amhainn. An uair a chuala Daniel so, thuirt e, “Is iongantach mar a thachras fortan ri daoine ann an aite anns nach bi duil aca. Tha mise agus am fichead fear a tha maille rium a’ sealg a’ chruidh fhiadhaich, cha’n ann air son na feola, ged a tha sinn an tomhas mor a’ beathachadh oirre, ach air son nan seiceanan aca. Tha sinn a faighinn deadh phris air na seiceannan o na daoine a tha ’buinig an oir. Ann an amhainn a tha astar mor as a so, tha na seiceanan, an deigh dhaibh a bhith air a ruigheadh, agus air an tioramach gu math, air an ceangal air earbuill gu math domhain fo uisge na h-aimhne anns an am dhe’n bhliadhna anns an tig tuiltean mora a nuas o na beanntan. Tha na tuiltean so a’ gluasad na h-urach agus a’ mhorodhain a tha ann am bruaich, agus ann an grunnd na h-aimhne, agus tha an t-or min a tha am measg na h-urach agus a’ mhorodhain a’ stad anns a’ chalg aig na seiceanan. Cha dean na seiceanan so feum ach aon uair. Agus an deigh an togail as an amhainn, tha iad cho math ’s a bha iad riamh gu leathar a dheanamh dhiubh. Is e obair chruaidh, chunnartach a th’ againn. Ged a tha’n crodh fiadhaich pailt gu leor, tha e gle dhoirbh dhuinn faighinn dluth dhaibh iomadh uair. Bha sinn an diugh fhein gu math dluth dhaibh an uair a loisg sibhse orra. Nan robh greim againn oirbh an uair ud, tha amhrus agam gu’n robh sinn air droch dhiol a dheanamh oirbh. Ach tha sinn a nis gle thoilichte gu ’n do thachair sibh ruinn. Chuir sibh sinn air a’ cheart rathad leis an dean sinn ar fortan an uine gun bhith fada. Choisinn mise gu dichiollach, onarach, deannan math airgid o’n a thainig mi do’n chearn so dhe’n t-saoghal. Ach gu mi-fhortanach, chaill mi e. Cheannaich mi leis na choisinn mi an toiseach pios fearainn, an duil gu ’m faighinn or ann. Ach cha d’ fhuair. Cha robh agam an sin ach toiseachadh ris an obair a th’ agam a nis. Chuir mi suim mhath anns a’ bhanca o chionn corr is bliadhna, ach ghoideadh am bann a bh’ agam air, agus tha eagal orm nach fhaigh mi sgillinn dheth o’n bhanca gu brath o nach ’eil am bann agam. Chaill mi aig a’ cheart am leabhar beag a thug mo mhathair dhomh an uair a bha mi falbh as an taigh. Cha mhor nach ’eil mi ’ga ionndrainn a’ cheart cho mor ris an airgiod fhein. Ged a bha mi gle aotrom, gorach ’nam oige, mar a bha gu leor dhe mo sheorsa, bha meas mor aig mo mhathair orm. Chuir i an leabhar beag ud—leabhar urnuigh—am measg nan aodaichean a thug mi leam an uair a dh’fhalbh mi o’n taigh. Cha d’ fhosgail mi da uair riamh e; ach nan robh e agam an diugh, dh’ fheuchainn ri feum a dheanamh dheth.” An uair a thuirt e so, sheall e air an lar, agus thug sinn an aire gu ’n robh na deoir a sileadh gu frasach o na suilean aige. An uair a bha e greis ’na thosd, thuirt e, “Tha mi ’smaointean gur e an doigh a’s fhearr dhuinn, taobh air thaobh, a dheanamh, an aireamh a’s mo dhe na daoine agamsa a chur air falbh a dh’ iarraidh bidh is aodaich, agus gach deisealachd eile a bhios feumail dhuinn. Tha mi creidsinn nach b’ uilear dhuinn coig duine deug a chur air falbh. Ach feumaidh faisge air fichead fear tighinn air ais comhladh riutha. Cha’n e am beagan a dh’ fheumas sinn dhe na h-uile rud a bhios a dhith oirnn anns an aite iomallach so. Agus o nach ’eil toil agam gu’m faigheadh moran dhaoine fios gu’m bheil an t-or anns an aite so, is ann mar is ainneamha theid sinn a dh’ iarraidh deisealachd is fhasa dhuinn cuisean a chumail an cleith orra.” Dh’ aontaich mise agus Tomas gu ’n robh e ceart gu leor anns na thubhairt e. Agus thuirt sinn, gu ’n robh sinn an dochas nach cuireadh e mu choinneamh a h-aon dhinne falbh air an astar ud. O nach robh aon bhall aodaich againn leis an rachamaid am fianuis dhaoine, agus o nach robh fear seach fear dhinn suas ri marcachd, thuirt sinn ris gu’m b’ fhearr leinn gu mor cuideachadh a thoirt dha aig buinig an oir gus an tigeadh na daoine aigesan air an ais. “Is e tha ’nam bheachd,” ars’ esan, “sibhse ’chumail an so gus am bi sinn a’ falbh comhladh. Ged a dh’ fhalbhadh sibh ’nar n-onar, tha eagal orm nach amais sibh gu brath air an rathad dhachaidh. Cha’n ’eil mi ’tuigsinn cia mar a fhuair sibh sabhailte gu ruige an t-aite so.” Gun tuilleadh a radh, chuir e seideag anns an dudaich, agus thainig na daoine gu leir far an robh sinn. Dh’ innis e dhaibh an ni a bha na bheachd a dheanamh. Dh’ aontaich a h-uile fear dhiubh falbh. Ach an uair a leig dithis no triuir dhiubh ris dhuinn gu’n robh amhrus aca nach robh an t-or cho pailt anns an aite ’s a bha sinne ag radh riutha, thug mi fhein is Tomas a dha no tri am fear de chnapan oir as ar pocaidean, agus thug sinn dhaibh iad. An uair a chunnaic iad na cnapan oir so, thuirt iad uile a beul a cheile, gu ’m falbhadh iad gu toileach. Dh’ fhalbh iad an oidhche ud fhein; oir bha iad ag radh gu’m bu cho math leotha a bhith siubhal an fhasaich air an oidhche ri bhith ’ga shiubhal air an latha. Cha bu luaithe dh’ fhalbh na coig fir dheug ud na chaidh sinne do’n uamhaidh gus an oidhche a chur seachad innte. Cha robh teine no tuar romhainn innte; ach ged nach robh, bha sinn uile toilichte gu’n robh a leithid a dh’ aite blath, seasgair againn gus tamh a ghabhail fad na h-oidhche. Cha robh eagal sam bith oirnn gu’n cuireadh duine no ainmhidh eagal no faragradh oirnn. Agus ged a thigeadh creutairean a chuireadh dragh oirnn, bha sinn ann ceithir duine deug, agus cha b’e am furasda ar ceannsachadh. Bha sinn uile ann an deadh mhisnich. Bha fortan riaghailteach aig naoinear dhinn air a dheanamh mar a bha, agus cha robh teagamh againn nach fhaigheadh an fheadhainn a bha air ur tighinn an lath’ ud fhein am fortan mar an ceudna. Cha robh sinn fad’ a’ cur na h-uamha ann an ordugh, agus a’ fadadh teine. Agus ann an uine gun bhith fada, bha sinn uile ’nar suidhe cho reumail agus cho comhfhurtail ri comunn a b’ urrainn a bhith. (Ri leantuinn.) MAR FHUAIR MI M’ ARACH OG. Am measg gach atharrachadh a thainig air a’ Ghaidhealtachd o chionn da fhichead bliadhna—agus is lionmhor iad—cha’n ’eil aon n’is comharraichte no n’is cliuitiche na ’n t-atharrachadh a chithear ann an tighean-sgoil ’s am maighstirean-sgoil o ’n am sin. Chaidh moran de sgoilean ura a chur air bonn, agus chaidh na sean sgoilean mar is trice a dheanamh n’is comasaiche air an crioch a choilionadh na bha iad. Na h-uile cliu do Eaglaisean ’s do Chomuinn air son an eud, ’s na h-uile soirbheachadh leis gach saothair aig a bheil iunnsachadh na h-oigridh mar cheann-iuil! Ach an deigh gach oidhearp ionmholta a chaidh a thabhairt, tha gun teagamh moran fathast ri dheanamh ’s an rathad so ’n ar duthaich. Tha fathast iomadh Eilean a’s Clachan a’s Gleann air an iathadh le neoil thiugh, dhorcha an aineolais; ach nach eil a nis Achd ur Parlamaid againn a chum na neoil so a sgapadh air falbh? Nach e nis dleasdanas gach sgireachd gum bi sgoil air a deagh iodhamachadh far an ruig sgoilear oirre, agus nach ’eil cuideach- [TD 170] [Vol. 8. No. 22. p. 2] adh fialaidh air a thoirt seachad a sporan mor na rioghachd air son costas nan sgoilean a ghiulan? Nach e nis lagh na h-Alba gu’m feum gach balach a’s caileag a bhi ’s an sgoil? Ma ghleidheas tu do mhac as an sgoil a dhol an traigh no bhuachailleachd, no do nighean a bhanaltrachd, nach bi am Maor air do thoir cho dian ’s a bha e riamh ’n uair a bhitheadh tu air deireadh leis a’ mhal? Gu firinneach chuir an saoghal car dheth o linn Iob. An aite Gliocas a bhi basachadh leinne, nach ann a bheirear i as ur le ar cloinn? Nach e “’n t-al a thig ’n ar deigh” a ni ’n t-amharc-sios air na parantan aineolach a ghin iad? Nach goirid gus am bi eagal gun teid do cheapadh air son sliobasdachd do chainnt? Is mor m’ eagal nach fada a bhitheas tigh-sgoil gun dorus, gun simlear, le toll-uinneig air son solus a leigeadh a steach, ’s toit a leigeadh a mach, le urlar fliuch, ’s le suidheachain de chlachan ’s de fhoide-moine, no maighstir-sgoil nach labhair ach Gaidhlig, ri ’m feotainn ’s an tir. Cha’n ’eil fios c’aitean stad sinn air an deireadh idir. An uair a tha ar luchd-riaghlaidh le ughdarras lagh na rioghach, a togail aitreibh ura ’s a taghadh Mhaighstir-sgoil leis na teisteanais is airde, bu mhiann leam, mu ’n teid cuimhne nan sean tighean ’s nan daoine coire a theagaisg annta “a sgrios gu tur as an tir,” iomradh a dheanamh air aon de’n t-seorsa anns an d’ fhuair mi mo cheud leasain, leth-chiad bliadhna roimhe so. Cha’n fhios domh c’uin a thogadh an tigh, no cia meud sgoilear ainmeil a fhuair tus am foghluim ann. Bha ’n Sgireachd iomraiteach an Eachdraidh na h-Eaglais an uair a b’ e ’n t-aite a’ b’ iomallaiche a bh’ air a roghnachadh air son tighean foghluim a’s Eaglaisean, agus cha ’n ’eil teagamh agam, na ’m bitheadh eachdraidh na Sgireachd air a’ gleidheadh air chuimhne, nach faighteadh aon no dha de’n luchd-aiteachaidh “nach do dhoirt fuil ’s nach do rinn cogadh” a bha airidh air clach urramach a chur an teampull na sean Eaglais Gaidhealach. Ach an uair a mhosgail sluagh na h-Alba as an t-suain aineolaich anns an robh iad re moran linntean a’ gabhail tamh, rinn Eolas imrich as na cuiltean do na bailtean, ach dh’fhagadh na h-eileanan iomallach ’s na glinn uaigneach gun Sgoil gun Eaglais. Bho linn an Ath-leasaichidh b’e gun teagamh, lagh na rioghachd gu’m biodh Sgoil a’s Eaglais anns gach Sgireachd; ach bha Sgireachdan na Gaidhealtachd farsuing, ’s cha robh sgoilean ach tearc. Chomhdaich dorchadas taobh an Iar na Gaidhealtachd. ’S ann a chum an dorchadais so fhuadach a chuireadh air bonn, ochd fichead bliadhna roimhe so, a’ “Chuideachd Urramach a ta chum Eolas Criosdaidh a sgaoileadh air feadh Gaidhealtachd a’s Eileanan na h-Alba”—Cuideachd a bhreac an taobh an Iar le tighean-sgoil, ’s a chuir Gaidhealtachd na h-Alba fo chomain nach urrainnear innseadh. A reir riaghailtean na Cuideachd bha e mar fhiachaibh air Uachdarain an fhearainn tighean freagarrach a thogail, agus croiteag fhearainn a chur air leth do’n Mhaighstir-sgoil. B’ ann leis a Chuideachd so a bha’n ’n t-Sean Sgoil air a cumail suas. Cha ’n abradh fear-turuis ma dh’ fhaoidte, gu’n robh an tigh air an thogail an aite ro thaitneach. Cha robh beanntan arda, no glinn, fhasail, no coilltean dosrach ’s an t-sealladh, no iomadh ni eile a bheireadh aoibhneas do’n t-suil. Ach bha’n tigh goireasach air na sgoilearan; ’s bha reidhlean gorm air gach taobh dheth air am faigheadh a’ chlann comas cluiche g’ an toil; bha lochan uisge fa chomhair a bhiodh miaghail ris an reothadh; ’s bha geodhachan uaigneach mara dluth air laimh mar gu’m biodh iad air an cruthachadh air son balaich a mhealladh air snamh. ’S cha robh an ‘sealladh mu’n cuairt,’ lom cianail, mar a chitheadh am fear-turuis e, gun a luach fein an suilean a’ bhalachain a’ chaidh arach ’s an aite. B’e dhachaidh e; agus do bhrigh so bha gach cnoc, a’s allt, a’s leanag ni bu mhaisiche leis-san na ’n aon aite a b’ aillidh’ air an do dhearrs grian riamh, air chor ’s gum faodadh e ’radh gun toibheum, mu dhachaidh mar thuirt an salmadair mu Shion— Oir t’oglaich tha a’ gabhail tlachd ’N a clachaibh breagh gach uair; Tha deagh thoil aig do sheirbhisich D’ a luaithre a’s d’a h-uir. A thuilleadh air so, chiteadh air gach laimh seallaidhean a thogadh inntinn an sgoilear o dhleasdanas an la. An sud traigh, air an do chuir a shinnsearan blar fuilteach a’ dion an dachaidh o choigrich a chuain; an so Dun, le fhrogan dorcha comhdaichte thairis “le foghnan, fraoch, a’s folach” a toirt dearbhadh follaiseach air na naigheachdan a dh’ innseas sean daoine mu na linntibh an-iochdmhor a threig; ’s an tolman uaine ud mu’n cuairt do larach an teampuill tha aithrichean air an tulgadh nan codal siorruidh le monmhor an t-sruthain air a mhuchadh le buille trom na tuinne air an traigh. Fa chomhair tha Cuan mor na h-airde an Iar, an comhnuidh a’ dusgadh suas uamhunn, ioghnadh, a’s ard thoilinntinn, co-dhiubh a chithear e air a luasgadh le doinionn a’ gheamhraidh, no ’codal gu seimh fo ghrian an t-samhraidh, no mar a chunnaic priomh Bhard ar duthcha gu minic e mu’n do sheinn e cho oirdhearc mu ’n “ghrein ’s i gu laidhe ’s a chuan”— “An d’ fhag thu gorm-astar nan speur, A mhic gun bheud, a’s or-bhuidh ciabh? Tha dorsan na h-oidhche dhuit fein, Agus pailiun do chlos ’s an iar. Thig na stuaidh mu’n cuairt gu mall, A choimhead fir a’s glaine gruaidh; A’ togail fo eagal an ceann, Ri d’ fhaicinn cho aillidh ’n ad shuain, Theich iadsan gun tuar o d’ thaobh, Gabhsa cadal ann ad chos, A ghrian! a’s till o d’ chlos le h-aoibhneas. Cha’n fhaicear, taing do’n Fhreasdal, ach ainneamh a nis coimeas do ’n fhardaich ris an abairte an Tigh-sgoil. Tigh fada, farsuing, dorcha, le bhallachan iosal de chloich ghlais nach do ghearain air buillean an uird, air an salachadh air an taobh muigh le criadh, air an taobh stigh air an dubhadh le toit. Dorus air gach taobh do ’n tigh ach gun chomhla mar bu trice ri aon diubh. Chiteadh ’s a’ gheamhradh sgathach fhraoich ri taobh an fhuaraidh de dhorus an t-soirbheis air a cumail na seasamh le cas camain. Rachadh an Sgathach a chaitheamh a lion beagan a’s beagan a’ lasadh an teine; ’s bhiodh a’ sin boitein connlaich a’ gleidheadh fasgaidh gus an tigeadh mart no each miomhail an rathad a dh’ itheadh e. ’S an t-samhradh bha ’n tigh fosgailte gu farsuing, fialaidh do sgoilearan de gach seorsa. Urlar de thalamh fuar, fliuch, ach larach an teine a mhain. Uinneagan leth-lionte le pluic, ’s an corr comhdaichte le lic ’s clach ri ’cul. Da tholl air druim an tighe a leigeadh a mach na toit nach iarradh a rathad roimh dhorus no uinneig. Da theinne air an urlar dluth air meadhon an tighe agus clach eatorra. B’ i chlach so “Stol (no furm) an aithreachais. Is tric a rinn mi cron latha fuar geamhraidh a dh’ aon ghnothuch air son faotainn air an stol. Bha deileachan a gheibhte air a’ chladach sinte air clachan a’deanadh aitean-suidhe; ’s bha da sheana bhord le casan briste air an urlar aig am faighte sgriobhadh le beagan cunnairt. Agus ma bha airneis an tigh-sgoil gann, cha robh asaig an sgoilear duilich a ghiulan. Leac-sgliat ghlas le ruith oibreachaidh oirre, paipeir-sgriobhaidh cho saor ’s a gheibheadh cailleach nan uibhean an “Grianaig,” dubh de shughadh an daraich, peann de dh’ite an t-Sulanaich, “Gray,” Leabhar Aithghearr nan Ceist, Biobull Gaidhlig air a chomhdach le craiceann caorach, agus deagh chainan. Bhiodh e eu-comasach do ’n fhear-theagaisg a bu chomasaiche sgoilearan math a dheanamh air a leithid so de chothrom; ach tha mi creidsinn ged bhiodh gach tigh ’s gach goireas a b’ fhearr aig mo shean mhaighstir (cha’n ann r’ a chur na dheigh e), nach faigheadh an sgoil an cliu a b’ airde o fhir-cheasnachaidh ar latha-ne. Cha robh eolas a’ mhaighstir ro fharsuing; agus cha d’ fhuair e cothrom air na doighean a b’ fhearr air sgoil a riaghladh, no air eolas fein a theagasg d’ a sgoilearan, fhaicinn no iunnsachadh. Bha e, gun teagamh, an Glaschu ’ga cheasnachadh; agus dh’ innis an Dr. Macleod dha nach b’ urrainn dasan leasan Gaidhlig a thoirt dha. Air diomhaireachd an lagh “Leathan ri leathan, a’s caol ri caol,” bha e mion-eolach; ach nam biodh an sgoil air a paigheadh a reir mar a fhreagradh na sgoilearan na ceistean a chuirear air cloinn an diugh, is mor m’ eagal nach biodh tuarasdal a’ mhaighstir a bheag ni b’ airde na bha e. “Na labhair ach maith mu na mairbh,” theirte o shean; agus gu firinneach ’s ann le h-urram agus le seirc a b’ airidh sean mhaighstirean-sgoil na h-Alba a bhi air an cuimhneachadh. Agus ged nach rachadh mo shean mhaighstir a thaghadh a measg drobh an diugh a lionadh aite falamh b’ airidh e air meas agus air tlachd, agus is ann le meas agus le tlachd a tha mo chuimhne an diugh air a dhreach ’s air a dhoigh cho maith ’s a bha i an la a dh’ adhlaiceadh e. Bha e ’s an arm ’n a oige agus thug an t-oileanachadh a fhuair e an sin seasamh direach a’s gluasad fearail dha nach do dhealaich ris re a bheatha. Duine breac-liath, mu dheich a’s tri-fichead, deas ’n a phearsa; aghaidh thuigseach; cridhe blath; nadur ath-ghoirid; a cheum air tromachadh a’s uilt air teannachadh; ach a spiorad gun taiseachadh—a’ mhisneach cho ard a’s aignidhean cho togarrach ri aois ochd-bliadhna deug. Cha robh balach ’s an sgoil a bu deise a bhreth air caman, na bu deine a chur gu taghall. Saoilidh mi gu faic mi an sean duine sunndach a’ tighinn am fradharc air maduinn reota gheamhraidh, le aid ghibich a bha uaireigin dubh, le ’chota clo, ’s le ’bhata glas-daraich ’n a laimh. Chi e ’mhac fein a’ leigeadh seachad na cnaige. “A thuaisd, a thraill, a sgagaire bhochd!” their an t-athair, a’s a nuas leis a’ chota mhor. As deigh na cnaige gu lughmhor bheir e a’ greimachadh ceann caol a bhata; agus an tiota tha i aig an taghall is faide air falbh. Theid air gairm a steach, a’s theid na camain fo ’n bhord. Toisichear obair an la le urnuigh dhurachdaich an Gaidhlig; theid earrann dhe’n Bhiobull a leughadh ’s na Ceistean a chur. Tha’n sin sgriobhadh a’s cunntas, cunntas a’s sgriobhadh gu feasgar. Leughar am Biobull. Co-dhun le urnuigh. Bheirear na camain am follais, a’s bithear ag iomain gus an toir an oidhche as ar suilean e. “Sgoil thruagh! teagasg bochd!” deir an Leughadair. Tigh-sgoil truagh, deir mise; agus teagasg easbhuidheach, ach teagasg ann an tomhas, a dh’ fhaodadh a bhi air a leantainn le buannachd ann am moran de na Sgoilean Gaidhealach air an la diugh. B’ e tighean dona ’s droch phaigheadh cuibhrionn moran de mhaighstirean-sgoil na Gaidhealtachd ’s an am a dh’ fhalbh. Is mor an atharrachadh chum na cuid is fearrr a thainig air cuisean o’n uair ud, agus is mor an t-aobhar taingealachd gu bheil cinnt air tuilleadh dheth ’s an an ri teachd. Tha foghlum a’s sgil nan dreuchd air iarraidh o mhaighstirean-sgoil a nis nach robh air iarraidh o’n aithrichean; agus [TD 171] [Vol. 8. No. 22. p. 3] tha so freagarrach. Ach cha’n eil mi gun amharus nach b’ fheairrde ar Maighstirean-sgoil ura ’s a’ Ghaidhealtachd tuilleadh de chleachduinean nan sean laoch a leantainn na tha cuid diubh deas gu dheanamh. Am measg nan sean mhaighstirean-sgoile Gaidhealach gheibhteadh air uairibh na daoine a b’ fhoghluimte ’s an tir. Ann an seirbhis a’ Chomuinn a dh’ ainmich mi, agus ann an tighean nach robh a bheag ni b’ fhearr na ’n tigh air an do rinn mi iomradh, shaothraich, re moran d’ am beatha air deich no dusan punnd Sasunnach ’s a bhliadhna, an da Ghaidheal—a mach o Oisean—a b’ airde buaidhean a sgriobh ’s a’ Ghaidhlig—Mac Mhaighstir Alastair agus Dughall Buchanan. Cha b’ ionnan beachd do na daoine sin agus do mhoran de mhaighstirean-sgoil og ar latha-ne mu theagasg cloinne. Tha eagal orm gu bheil an creidimh a’ neartachadh ’n ar measg, gur e crioch araid Maighstir-sgoile uiread airgid ’s is urrainn da a bhuannachd le ’sgoil; ’s gu bheil clann air an deagh theagasg ma leughas iad gu blasda canain nach tuig iad, a’s ma sgriobhas iad gun mhearachd latha cheasnachaidh 103,070,010 ged nach ’eil fios aca fein no aig duine d’ an daoine ciod e fo ’n ghrein a tha 103,070,010 a’ ciallachadh. Tha Leughadh a’s Sgriobhadh a’s Cunntas ro fheumail ’s an sgoil—cha deanar sgoilear as an eugmhais; ach cha ’n ’eil dleasdanas a’ mhaighstir-sgoile criochnaichte le Leughadh ’s a’ Sgriobhadh ’s a’ Cunntas. Tha Oileanachadh cho feumail—mur ’eil gu mor ni’s feumaile na—Foghlum. Cha ’n e Eolas farsuing ach deagh Chleachduin crioch teagaisg. “Am meangan nach sniomh thu, Cha spion thu ’n a chraoibh e; Mar shineas e ’gheughan, Bithidh a fhreumhan a’ sgaoileadh.” Bhiodh e duilich leam a chreidsinn gu ’n do chleachd Dughall Buchanan aon doigh air spionadh nan craobh ’s an tigh aoraidh air an t-Sabaid, agus doigh ’eil air sniomh nan meangan ’s an Sgoil re na seachduin. ’S anns a’ chanain a thuigeadh an sluagh a shearmonaich ’s a sheinn e—an ann an canain nach tuigeadh iad a theagaisg e na Sgoilearan? An uair a bha Mac Mhaighstir Alastair a’ brosnachadh nan Gaidheal gu eirigh a sheasamh coir nan Stiubhartach, sheinn e ’Orain iomraiteach an Gaidhlig—an saoil thu an ann am Beurla a bheireadh e earail air cloinn bhig? “B’fhearr leam,” arsa an t-Abstol Pol, “cuig focail a labhairt san eaglais (nam bu mhaighstir-sgoil e nach abradh e ’san sgoil,) le ’m thuigse, chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mile focal ann an teangaidh choimhich.” Ach tha moran de mhaighstirean-sgoil na Gaidhealtachd de atharrach beachd. Nach duilich, an uair a tha tighean-sgoil eireachdail ’g an cur suas anns gach aite, a’s an uair a tha’n rioghachd a’ paigheadh moran airgid gach bliadhna air son ar Maighstirean-sgoil iunnsachadh, ma bhitheas aobhar againn a radh mu ar Sgoilean Gaidhealach mar a thuirt a’ Chailleach Mhuileach, “B’ fhearr leam fhein an t-sean doigh.”—D. M’ K anns “A’ Ghaidheal.” SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXI. Fhuair Amgiad agus Asad, dithis mhac an righ, arach agus togail mar a bha dligheach do chlann righ fhaotainn. An uair a rainig iad an aois aig an robh aca ri sgoil is ionnsachadh ’fhaotainn, bha iad air an teagasg fo’n aon mhaighstir. Agus o ’n a bha iad gu nadarra anabarrach math gus gach seorsa foghlum a thogail, bha iad lan ionnsaichte mu’n robh iad aig aois fearachais. Bha cairdeas is comunn is gaol anabarrach mor eatorra o aois an leanabais, agus thug so orra gu’n robh iad ’nam beachdan agus ’nan cleachdaidhean cho coltach ri cheile ri dithis a b’ urrainn a bhith. Aig aois fearachais, bha e ’na chleachdadh aig a h-uile aon dhe’n seorsa a thaigh comhnuidh a bhith aig gach fear dha fhein. Ach bha leithid de ghradh aca air a cheile ’s gu ’n do chuir iad rompa gu’n gabhadh iad comhnuidh maille ri cheile anns an aon taigh. An uair a chuir iad an comhairle ri ’n athair mu’n chuis so, dh’ aontaich e leigeadh leotha dheanamh mar a bha iad a’ faicinn iomchuidh. Mar so bha na h-aon seirbhisich, agus na h-aon luchd-frithealaidh aca, agus bha iad a’ suidhe gu biadh aig an aon bhord. Leis cho ard ’s a bha am beachd a bh’ aig an athair air an gliocas, agus air an disleachd, rinn e comhairlich dhiubh an uair a bha iad ochd bliadhna deug a dh’aois. Agus ge b’ e uair a rachadh e fhein do ’n bheinn sheilg, bha e ’toirt cead a dh’ fhear ma seach dhiubh a bhith air cheann na comhairle ’na aite. Bha iad ’nan dithis gle mhaiseach, agus, mar a bha nadarra, bha meas mor aig am mathraichean orra. Ach mu dheireadh, is e ’thainig as a’ chuis gu’n do thuit an dara te ann an trom ghaol air mac na te eile. Ged a thachair so dhaibh, cha robh iad an toiseach a’ tuigsinn gu’m b’ ann o aobharan mi-laghail agus mi-nadarra ’thachair e. Bha iad le cheile an duil, o ’n a bha iad fhein cho fior mheasail air a cheile ’s nach cuireadh rud sam bith eatorra, gu’m b’ e so a b’ aobhar gu’n robh tlachd mor aig an dara te do mhac na te eile. Ach an uair a thainig an da phrionns’ og gu aois, thuig na mathraichean gu’n robh an gaol a bh’aca orra ag eiridh o thruaillidheachd nadair. Ged a thuig iad gu’m b’ ann mar so a bha chuis, bha iad an dara cuid neo-dheonach, no neo-chomasach, air cul a chur ris an staid inntinn anns an robh iad. Bha ’n gnothach a bh’ ann ’g an cur o bhiadh, agus o dheoch, agus o chadal na h-oidhche. Agus ged a bha na mathraichean anns an t-suidheachadh so, cha robh fios sam bith aig na prionnsachan oga air dad m’ a dheidhinn; oir bha ’n caoimhneas a bha na mathraichean a’ nochdadh dhaibh taobh air thaobh riamh o am an leanabais ’g an cumail o dhroch amhrus sam bith a ghabhail orra. Cha do chum an da bhanrigh an cleith air a cheile an staid inntinn anns an robh iad; ach cha robh de mhisnich aca na dh’ innseadh do na prionnsachan oga mar a bha cuisean. Rud nach b’ ioghnadh, bha naire orra staid an cridheachan innseadh dhaibh le cainnt beoil. Ach mu dheireadh shuidhich iad gu’n sgriobhadh iad litrichean uca. Agus an uair a chaidh an righ do’n bheinn sheilg, far an robh e gus a bhith fad tri no ceithir de laithean, ghabh iad cothrom air sid a dheanamh. An latha dh’ fhalbh an righ, bha prionns’ Amgiad air cheann na comhairle, agus bha am feasgar ann mu ’n do sgaoil a’ chomhairle. An uair a thill e dhachaidh, thug seirbhiseach dha an litir, ghabh e uamhas, agus thuirt e, “A shlaoightire, an ann air an doigh so a tha thu nochdadh do dhilseachd do ’n righ, do mhaighstir?” An uair a thuirt e so, thug e an claidheamh as an truaill, agus sgud e dheth an ceann. Ghrad ruith e, agus e ann am fior mhullach na feirge, far an robh Badoura, a mhathair, agus dh’ innis e dhi na briathran a bh’ anns an litir, agus co a chuir g’ a ionnsuidh i. Ach an aite eisdeachd ris le foighidin mar bu choir dhi, is ann a las i le feirg, agus thuirt i, “A mhic, cha ’n ’eil annad ach am mealltair, agus tha thu ’cur tuaileas air banrigh Hatalna. Is e boirionnach glic, faicleach, a th’ innte, agus tha e tuilleadh is dana dhutsa bhith ’labhairt ’na h-aghaidh mar a tha thu ’deanamh,” An uair a chuala e na briathran so, bha e ann an corruich mhoir, agus thuirt e, “Tha sibh aingidh le cheile, agus mur b’ e gu ’m bheil coir agam a bhith umhail do m’ athair, cha ’n fhaiceadh Hatalna latha ach na chunnaic i.” Dh’ fhaodhadh Badoura a thuigsinn o ’n doigh anns an do labhair a mac fhein rithe, gu’n cuireadh prionns’ Asad, a bha cheart cho measail air fhein ’s a bha Amgiad, gu tur an aghaidh na bha i ag iarraidh air a dheanamh. Ach cha do chuir sid bacadh oirre o oidhirp a thabhairt air a droch innleachdan a chur an gniomh. Air an ath latha sgriobh i litir g’ a ionnsuidh, agus thug i do sheana bhoirionnach i gus a toirt dha. An uair a bha Asad a’ tilleadh dhachaidh a taigh na comhairle, choinnich an t-seana bhean e, agus thug i dha an litir. Ghabh e as a laimh i, agus mu’n gann a leugh e an litir tharuinn e an claidheamh, agus ghrad mharbh e i. Ghrad ruith e do ’n t-seomar anns an robh Hatalna, a mhathair, agus an litir aige ’na laimh. Bha e ’dol a shealltainn na litreach dhi; ach mu ’n do tharr e sin a dheanamh, ghlaodh i, ag radh, “Tha fhios agam ciod a tha ’nad bheachd; tha thu ’cheart cho mi-mhodhail ri do bhrathair, Amgiad. Bidh falbh as mo shealladh, agus na faiceam d’ aghaidh, no d’ aodann gu brath tuilleadh.” An uair a chuala Asad na briathran so, agus gun duil aige riutha, ghabh e a leithid de dh’ uamhas ’s gur gann a b’ urrainn e gluasad as an aite ’s an robh e ’na sheasamh. Bha e ann an corruich cho mor ’s gur gann a chaidh aige air a lamh a chumail o bhuile bais a thoirt d’ a mhathair. Ach chaidh aige air stamhnadh a chur air fhein, agus, air eagal gu’n labhradh e briathran mi-iomchuidh ri mhathair, choisich e am mach as an t-seomar. Cha d’ innis Amgiad facal dha mu ’n litir a fhuair e fhein an latha roimhe sid, agus an uair a thuig e o na briathran a labhair a mhathair ris, gu’n robh i a’ cheart cho ciontach ri Hatalna, chaidh e far an robh a bhrathair gus a chasan a thoirt dha a chionn nach d’ innis e dha mu ’n diomhaireachd ghraineil ud, agus gus bron a dheanamh maille ris. An uair a chunnaic an da bhanrigh gu’n robh an dithis mhac cho subhailceadh ’s nach geilleadh iad dhaibh, las iad le feirg, agus le droch nadar air a leithid de dhoigh ’s gu’n do chuir iad rompa gu’m feuchadh iad ri an cuid mhac a chur gu bas. Thug iad air na mnathan-coimhideachd a chreidsinn gu’n d’ thug an da phrionnsa ionnsuidh air mi-chliu a chur orra, agus chaidh iad gu tuireadh ’s gu caoidh ’s gu laidhe na leapadh, mar gu’m biodh iad air an tamailteachadh gu mor. An uair a thill Alsaman, an righ, dhachaidh as a’ bheinn sheilg, bha ioghnadh mor air an uair a fhuair e anns an leabaidh iad le cheile, agus iad gu tursach, deurach, trom-inntinneach. Ghrad dh’ fheoraich e ciod a thachair dhaibh. An uair a chuala an da bhanrigh e a’ faighneachd ciod a bha ’cur dragh orra, chaidh iad gu tuiream ’s gu caoidh na bu mho na bha iad riamh. Agus an uair a chuir e ’cheisd orra uair no dha eile, fhreagair Badoura, agus thuirt i ris, “Le ’r cead, a righ, tha aobhar ar broin cho mor ’s nach bu choir gu’m faiceamaid lath’ eile ach na chunnaic sinn, an deigh na tamailt agus an fhoirneirt a dh’ fhuiling sinn o do dhithis mhac. An uair a fhuair iad sibhse air falbh o’n taigh, ghabh iad de dhanadas oidhirp a thabhairt, ann an doigh ro bhruideil, air mi-chliu a chur oirnn. Gabhaidh sibh ar leithsgeul, ged nach innseamaid an corr dhuibh; oir faodaidh sibh a thuigsinn an staid anns am bheil sinn.” (Ri leantuinn.) [TD 172] [Vol. 8. No. 22. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, DESEMBER 8, 1899. Tha’n luchd-obrach anns an factoridh chotain a th’ ann am baile Halifacs air seasamh a mach ag iarraidh tuilleadh tuarasdail, agus a reir gach sgeoil, tha na h-aobhair aca. Tha malairt mhath air a chotan aig an am so, agus tha e air aideachadh gu’n d’ rinn sealbhadairean na factoridh so faisg air coig ceud mile dolair de phrothaid o chionn bliadhna. Ach a dh’aindeoin sin tha tuarasdail an luchd-obrach a sior dhol na’s lugha. Fear a dheanadh coig no sia dolair deug ’sa che’-la-deug bliadhnaichean roimhe, cha ’n urrainn dha dheanamh am bliadhna ach beagan a bharrachd air deich dolair anns an uine sin. Tha cuid de na figheadairean a bha deich bliadhna ’g ionnsachadh na ceairde, agus tha aca nise ri obrachadh o leth-uair an deigh sia ’sa mhaduinn gu leth uair an deigh sia feasgar, air son ceithir fichead sent ’sa coig (85c). Tha moran de na daoine ’s inbheiche th’ann a Halifacs ag radh gu bheil an luchd-obrach a fulang ana-ceartas mor, agus tha iad a deanamh na’s urrainn daibh a cuideachadh leotha. Bha drochaid ur Victoria, thairis air amhuinn St. Lawrence, aig Montreal, air a fosgladh do charbadan ’s do choisichean air a cheud latha dhe’n mhios. Bha duil ri fosgladh air a cheud latha de Iulaidh ’sa chaidh, agus na’n do thachair sin bha e gu bhi air a dheanamh le moran greadhnachais, ach bha dail do-shneachanta air a chur ’san obair, agus cha d’fhuaireadh a fosgladh gu so. Bha ’n t-seann drochaid air a fosgladh le Prionnsa Wales anns a bhliadhna 1860. Chosg i faisg air naodh muillein dolair; bha i ochd troidhean deug a dh’ airde, ’s sia troighean deug a leud; bha i naodh mile tunna air chudthrom, agus bha i duinte ’s gun a dol troimpe ach an rathad-iaruinn. Cha do chosg an drochaid ur ach gann da muillein dolair; tha i da fhichead troidh a dh’ airde, ’s tri fichead ’sa coig a leud, cha ’n eil i ach mu dha mhile ’s da cheud tunna chudthrom. Tha i fosgailte air gach taobh agus a bharrachd air rathad-iaruinn tha da rathad oirre air son charbadan, agus da cheum air son choisichean is rothairean. Tha i fada air thoiseach air an t-seann drochaid anns gach doigh, ged a bha i sin ’na latha fein air a meas mar aon de ioghnaidhean an t-saoghail, agus tha sin, comhla ris cho saor ’sa fhuaireadh a togail a leigeil fhaicinn an adhartais a rinneadh ann an oibrichean dhe ’n t-seorsa re nan deich bliadhna fichead a chaidh seachad. LITIR A EILEAN A PHRIONNSA. A CHARAID RUNAICH AGUS DHILEAS, —’S fada bho nach do sgriobh mi guth do’n MHAC-TALLA, agus tha mi faicinn gu’m bheil moran dheth na bha sgriobhadh litrichean laghach d’a ionnsuidh bho chionn bhliadhnachan air ais, air thuar a leigeadh dhiu, ach beag gu buileach; ach ’se ’n t-aobhar bu mho thug orm fein nach robh mi na bu tric a cur facal g’a ionnsuidh gu’n robh moran de dheagh luchd-eachdraidh agus de ard sgoillearan Gailig a sgriobhadh ann, agus cha bu mhath leam a bhi ann san rathad orra. Cha chluinn mi guth idir bho mo sheann chairid, “Bodachan a Gharaidh,” agus bu laghach e, agus cha bu lugha m’ ionndrainn air bhi cluinntinn bho ’m sheann fhear-eolais agus mo chairid laghach, “Murachadh Cam.” ’S fada bho na bha mise eolach air Murachadh agus b’fhada bho bhi cam e—ach bidh daoine a cur far-ainman orra fhein anns na paipearan an duil nach faithnichear iad. Ach mar a thuirt fear roimhe, ’S maith a thuigeas mise smeigeadh. Chunnaic mi ainm ur air a thoirt orm fhin anns a MHAC-TALLA an am a bhi ag eadar-theangachadh dan Brioguis an Fhir-dheasachaidh. ’Se “Seumas a Chiuil” a thuirt iad rium. Ach tha mi ’n duil gu’n lean mise ris an t-seann ainm, oir tha mo chruit-chiuil ionann ’s gu bhi air a pasgadh, bho na tha mi faireachdainn coltas geamhraidh na h-aoise a dluthachadh rium, agus mar sin is du do na gleusan agus do na ribheidean a bhi a tiormachadh agus a fas rag. Tha mi ag ionndrain mar an ceudna, agus tha mi a creidsinn gu ’m bheil moran eile de luchd-leubhaidh MHIC-TALLA ag ionndrainn nach eil sinn a cluinntinn cho tric ’s bu mhaith leinn bho mo dheagh charaid agus an Gaidheal urramach “C. C.” ’Sann dha fein a b’aithne an litir phongail a sgriobhadh. Gu ma fada slan e. Tha geamhradh fosgailte briagha againn cho fad so, agus ged a tha ’m pailteas de thoradh na talmhainn air an Eilean so ’m bliadhna, cha ’n eil na prisean ach gle iosal, agus mur dean spreidh is caorich beagan airgid cha dean toradh na talmhainn ach ro bheagan. Bha mi ’n duil nuair a thoisich mi air sgriobhadh gu’m biodh naigheachd air choirigean agam, agus bho nach eil a bheag do naigheachd ur agam agus gu’m bheil moran do na seann naigheachan a dhol as mo chuimhne, tha mi ’n duil gur fear dhomh sgur aig an am so ma’s bi sibh fein agus ur luchd-leubhaidh lionmhor a fas sgith dhiom. Tha an t-ard-riaghladh a gairm tairgseachan airson deich mile dhe ’n rathad-iaruinn a chur air adhart eadar Baile Shearlot agus Murray Harbor gun dail sam bith, agus an drochaid iaruinn mar an ceudna air an aiseag aig Baile Shearlot. Tha mar an ceudna Taghadh luchd-Parlamaid a dol air adhart anns an da shioramachd so, Queen’s and King’s. Tha aon dhiu gus fear a chur a stigh ann an aite an Onaraich Eachunn C. Domhnullach, a bha na fhear-lagh-a-chruin, agus a chaidh ardachadh gu bhi na Bhreitheamh Siorramachd agus am fear a chaidh a chur mar fhear-lagh-a-chruin na aite, ’se ur caraid fhein a’ th’ann, an t-Onorach D. A. Mac Fhionghain, agus a reir an lagha feumidh e an taghadh a ruith a nise mas urrainn e aite suidhe a chumail anns a pharlamaid; tha’n taghadh ri bhi ann air an treas latha deug dhe ’n mhios so tighinn, ach fagaidh sinn mar sin iad an drasda. Tha mo bhana-chompanach agus mi fhin leis an durachd a’s fearr a cur moran bheannachdan do ur n-ionnsaidh fein agus a dh’ ionnsuidh cairdean is luchd-leubhaidh MHIC-TALLA, anns gach duthaich is aite am bheil iad. SEUMAS A. MAC GILLE-MHAOIL. Na h-Eileanan Coille, Nobh, 23, ’99. Chaochail a cheud fhear de na Vanderbilts a bha ainmeil air son a shaoibhreis, nuair a bha e 83 bliadhna dh’ aois, an dara fear nuair a bha e 65, agus an treas fear nuair a bha e 54. Tha e mar so coltach gur e bhi gabhail curaim de’n t-saoibhreas a’s truime air beatha ’n duine na bhi ’ga dheanamh. Ann am baile-mor Lunnainn agus anns an t-siorrachd anns a bheil e, chaochail da fhichead ’sa h-ochd air a bhliadhna ’sa chaidh le cion a bhidh. Tha e ’na ni muladach gu’m biodh daoine ’basachadh le acras anns a bhaile a’s motha ’s a’s saoibhire th’ air an t-saoghal. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. [TD 173] [Vol. 8. No. 22. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha sinn duilich gu bheil againn ri litir Iain Rothaich a chumail air ais air an t-seachdain so a rithist. Gheibh ar leughadairean i air an t-seachdain s’a tighinn. Thuit fear d’am b’ainm Larsen sios an toll an t-soithich Britannic, ann an Louisburg, oiche Di-donaich s’a chaidh, agus bha e air a ghrad mharbhadh. Bhuineadh e do Norway, agus bha e ’na theineadair air an t-soitheach, a bha stigh a gabhail luchd guail. Tha e air a radh gu’m biodh gainne mhor guail ann am Boston air a gheamhraidh so mur b’e meinnean Cheap Breatunn. Tha na soithichean cho gann timchioll a phuirt sin ’s nach urrainnear gual gu leor a ghiulan ann. Ach theid aig meinnean an eilein so air guail gu leor a sheachnadh, agus tha ’m pailteas shoithichean ann gus a ghiulan gu Boston no gu aite sam bith eile tha gann dheth. Mar a chithear ann an ait eile tha leabhran beag air a chur a mach anns an oifis so, a tha toirt cunntas air beatha agus fiosachdan an fhiosaiche ainmeil “Coinneach Odhar.” Bha an eachdraidh air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann, mu bhliadhna mu’n do chaochail e. Tha i air a deagh sgriobhadh, agus is math is fhiach i a’ phris a thatar ag iarraidh air an leabhar. Cha’n eil ach aireamh gle bheag air a chlo-bhualadh, agus mar sin feumaidh iadsan a tha air son fhaotainn cur g’a iarraidh trath. Cheannaich daoine mhuinntir Halifacs corr us leth-cheud acaire fearainn ann an Orangedale o chionn ghoirid air am bheil iad a dol a thoiseachadh air deanamh bhricks trath ’san earrach. Cha’n eil teagamh nach bi feill gu leor orra ann an Sidni air an ath shamhradh, nuair a bhios an obair-iaruinn agus gach togalach a bhithear a cur suas air feadh a bhaile a’ cur feum air aireamh mhor dhiubh. Tha paipear St. Peter’s ag radh gur anns an aite sin a tha ’n talamh bhricks a’s fhearr air an eilean—gur ann a rinn na Frangaich na chuir iad am feum ann an Louisbourg, agus gu bheil sin na dhearbhadh air fheobhas. Ach cha’n eil teagamh nach deach Orangedale a roghnachadh a chionn gur e aite ’s deiseile a thaobh an rathaid-iaruinn. Chuireadh failt’ agus furan air reiseamaid Chanada an uair a chuireadh air tir i ann an Cape Town. Chaidh a cur gun dail sam bith air adhart faisg air larach a chogaidh, agus cha’n eil teagamh, an deigh beagan uine chur seachad ag ionnsachadh cluich an airm, nach bi i air a cur far am faigh na daoine cothrom air an treine ’s an gaisge nochdadh ann am blar. Ma nithear sin, tha fhios againn gu’n giulan iad iad fhein gu math. Tha reiseamaid New Zealand air an laraich cheana. Tha moran dhe’n bharail gu’n dean reiseamaid Chanada, mu’n tig crioch air a chogadh, cliu a chosnadh dhi fhein nach bi aig moran anns an arm Bhreatunnach. Tha dochas againn nach bi iad air am mealladh anns an duil sin. Chaidh paisde nighinn, aois ochd miosan deuga, le Uilleam Mac Aonghais, aig Allt nam Breac, a scaldadh Di-satharna s’a chaidh, agus ann an ceann latha gu leth chaochail i. Bha i cleasachd air feadh an taighe agus chuir i coire bha lan de dh’ uisge goileach thairis, ’ga dhortadh oirre fhein. Dh’ fhuiling i cradh mor mu’n do chaochail i. Cha b’urrainn do’n Chomunn Chaledoineach an dinnear abhaisteach a bhi aca air Feill Aindreis, leis an tigh-osda bhi neo ullaichte air son a leithid; tha an t-osdair ur gun a luchd-cuideachaidh fhaotainn fhathast. Ach bha coinneamh mhath agus biadh fuar aca ann an talla na siorrachd a sheas an aite na dinnear. Tha coinneamh gu bhi aig a chomunn an deigh so uair ’sa raidhe, agus tha dochas gu’m bi soirbheachadh leis nach robh leis fhathast. Tha caraid a Malagawatch ag innse dhuinn gu’n do mharbh fear Domhnull Caimbeul, anns an aite sin, o chionn ghoirid, muc a chothromaich coig ceud ’s da fhichead us ochd puinnd deug (558); agus gu’n do mharbh coimhearsnach dha, Alasdair Caimbeul, te a thomhais coig ceud da fhichead us ceithir puiund (544). Bha da mhuic eile air am marbhadh a thomhais mu cheithir ceud gu leth punnd. Ma ni a chuid eile de Cheap Breatunn cho math so, bidh muc-fheoil gu leor aca air son a gheamhraidh. Tha cas-lagha air lamhan na cuideachd a tha cur air adhart na h-obrach mu mheinnean ’s mu acarsaid Bhroad Cove. Chaidh a chuideachd sin a chur air chois le Uilleam Penn Hussey, a tha na cheannard air an obair, agus chuir aireamh de dhaoin’ earrasach a Switzerland an cuid airgeid innte. Cha robh iad sin riaraichte le Hussey no leis an doigh anns an robh e cur air adhart a’ ghnothuich, agus reic iad an cuid stuic ri cuideachd a th’ann an Lunnainn. Tha iad sin a nise dol do’n chuirt mhoir ag iarraidh stad a chur air gnothuichean cuideachd Bhroad Cove, agus a cur m’a sgaoil. ’S e sin an aon doigh air an urrainn daibh faotainn cuibhteas Mr. Hussey; tha iad air son sin a dheanamh a chum gu’m bi a mheinn ’s an acarsaid ’nan lamhan fein gu buileach. Tha an gual air eiridh ann am pris; tha e an so an drasda 25c an tunna na’s daoire na bha e o chionn mhios, agus cha b’ iongantach, leis an tomhas mhor a thatar ag iarraidh anns na Staidean, ged a dh’ eireadh e tuilleadh. Tha aig cuideachd a ghuail ri ceud mile tunna chur do Bhoston an taobh a stigh de dha no tri mhiosan. Tha ’n gual cruaidh a tha tighinn as na Staidean, air a gheamhradh so dolair na’s daoire na bha e an uiridh. Tha moran de na meinnean guail ann am Breatunn nan tamh le seasamh a mach nan gualadairean; tha sin a fagail a ghuail cho gann anns an duthaich sin ’s gu bheilear a toirt moran a null as na Staidean; agus tha sin a rithist ’ga fhagail gann anns na Staidean; agus air an aobhar sin tha phris ag eiridh. Tha orduighean aig a chuid mhor de mheinnean Nobha Scotia nach urrainn daibh a laimhseachadh gu ceann aireamh sheachduinean. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. Tha an Nollaig ’sa Bhliadhn’ Ur gu bhi againn, agus o’n is abhaist do’n mhor chuid a bhi toirt seachad GHIBHTEAN aig an am sin, tha sinne ’deanamh deiseil air son an creic riutha. Cho luath ’sa thig ar Bathar Nollaig bheir sinn fios duibh. Bidh moran sheorsachan againn—gu ire bhig ni sam bith a dh’ iarras tu am BATHAR TIORAM, SOITHICHEAN SINA, LAMHANNAN, CUARAIN, etc. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. Airneis Taighe, Comhdach Urlair, Cas-Bhratan. Cuirteinean, Sgailean, Maidean Chuirteinean. Bathar Tioram, Soithichean Gloine agus Sina, Groceries. THA AR PRISEAN GLE ISEAL. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. [TD 174] [Vol. 8. No. 22. p. 6] Is Fhearr Gliocas na ’n t-Or. Bha righ ann roimhe so, ’s bha e latha ag gabhail sraide air feadh baile-mhargaidh, ’s rachar romh chearna dhe ’s an robhas ’s an uair ag cumail feille. Sheas e a ghabhail beachd air a’ bhathar agus orrasan a bha ’ga reic ’s ’ga cheannach, agus thugar an aire do sheann duine coir liath ’n a shuidhe a measg chaich, agus farraidear dh’e co b’e, no ciod a bh’ aige ’g a reic. Thuirt esan ’s e freagairt, gu’m bu ghliocair e, ’s gu’m b’e a’ chrionntachd am bathar a bh’ aige ’ga reic. Rinn an righ snodha gaire, ’s thuirt e ris, gu’m bu rud sid air an robh e anabarrach feumach leis na bh’ aige de dhaoine ri rian, ’s gun e ach og. “Agus,” ars’ esan, “ma ’s urrainn dut a’ chrionntachd a reic rium, bheir mi gu toileach dhut da chiad marg oir oirre.” Is e bh’ ann gu ’n d’ thuirt an gliocair ris: “Bheir mi seoladh dhut leis am faod thu thu fhein agus do dhaoine a rian le crionntachd. A chaoidh na bruidhinn, ’s na gabh rud sam bith os laimh gun sealltainn romhad ciod a’ bhuil gus an tig do bhriathran agus do dhianadas.” Thaitinn an seoladh so cho math ris an righ ’s gu ’n d’ ordaich e an t-or a phaidheadh ’s an uair dha. An sin ghearr e e air comhlaichean, ’s air uinneagan a luchairt, ’s air an obair oir a’s airgid, ’s dh’ fhuaigh e e air gach snathainn aodaich a bh’ aige, chum e bhi daonnan aige mu chomhair a shul. Leis an fhaicill so cha deachaidh an righ riabh air iomral ’n a chomhairle, agus riaghail e e fhein ’s a righeachd le gliocas. An uair a chuirear teachdaireachd ghloirmhor an t-soisgeil fa chomhair dhaoine, is e fior bheagan dhiubh a bhios toileach eisdeachd ris an teachdaireachd, ged a tha oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalach, agus nach searg as air a tairgseadh dhaibh. Ach eisdidh iad le mor aire re uine fhada ris gach fear a dh’ innseas dhaibh cia mar a theid aca air saoibhreas a chur cruinn. Nach mor gu’m b’ fhearr do dhaoine greim a dheanamh air an t-saoibhreas a mhaireas gu saoghal nan saoghal, na an cridhe shuidheachadh air an t-saoibhreas a dh’ fhagas iad ’nan deigh aig uair am bais, agus a dh’ fhaodas a bhith ’na mheadhainn air an anam a sgrios? Cluinnear moran anns na h-amannan so mu uidheaman-brudhine. Dh’ fhaoighneachd gille beag dhe ’athair uair co air a bhatar a deanamh nan uidheaman-bruidhne. Thuirt ’athair ris gu’n d’ rinneadh a cheud te air aisinn duine. Ma bheir sinn oirnn fhein a chreidsinn nach ’eil buaireadair ann, bidh sinn as ar faireachadh, agus mar sin, bidh an cothrom aig a’ bhuaireadair air lamh an uachdar fhaotainn oirnn. Iompaireachd Bhreatuinn. Tha e air a radh, agus sin le firinn, nach ’eil a’ ghrian a’ dol fodha air Iompaireachd Bhreatuinn uair sam bith. An uair a theid a’ ghrian as an t-sealladh oirnne anns an duthaich so, their sinn gu’n deachaidh i fodha; ach an uair a theid i as ar sealladh-ne tha i ’tighinnn ann an sealladh muinntir eile a tha ’nan comhnuidh anns an aird an iar oirnn. Cha’n ’eil ann an Eileanan Bhreatuinn ach earrann gle bheag dhe ’n Iompaireachd an coimeas ris na duthchannan mora, farsuinn eile a tha fo riaghladh na Banrigh. Is e Australia an t-eilean a’s mo a th’ air an t-saoghal. Tha t-eilean so fo riaghladh na Ban-righ. Tha na h-Innsean an Ear gu math na’s mo na Australia, agus tha’n duthaich mhor so fo riaghladh mar an ceudna, agus tha ’n duthaich mhor fharsuinn so, Canada againn fein, fo a riaghlaidh cuideachd. Agus tha na bheil a dh’ fhearann fo a riaghladh ann an Africa cho farsuinn ris an Roinn-Eorpa. A bharrachd air na duthchannan mora ’dh’ ainmich sinn tha moran de dh’ eileanan beag’ eile fo a riaghlaidh. A dh’ aon fhacal, tha’n coigeamh cuid de dh’ fhearann an t-saoghail fo riaghladh na Banrigh!! Tha duin-uasal ann an Russia an deigh tigh a thogail a tha air a dheanamh gu h-iomlan air paipear. Bha e air a chur suas dha le duin’ innleachdach a America, agus chosg e dha ceithir fichead rouble, no faisg air leth cheud us coig mile dolair an airgead na duthcha so. Tha’m fear a thog e ag radh gu mair e na’s fhaide na tigh claiche. Tha ’n Ruiseanach a nise ’cur roimhe nach bi bior airneis air a chur am broinn an taighe nach bi air a dheanamh air paipear mar an ceudna. Biadh a thoirt do’n fhearann mu’m fas an t-acras air; fois a thoirt da mu ’m fas e sgith; a gharthlanadh mu’m fas e salach—comharradh an deagh thuathanaich. Cuir do chomhairle ri duine turail agus cogaiseach, agus bi air do stiuradh le fear is glice na thu fein a roghain air de dhoigh fein a leantainn. Tha uibhir de dh’iarann san fhuil aig da fhichead duine ’s a dhianadh suas cnap ’s am biodh ceithir puinnd fhichead air chudrum. Smachdaich do smaointean an uair a bhios tu leat fhein, agus cum srian ri d’ theanga am measg cuideachd. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. MEUR-OIFIS ANN AN SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Ma tha BUGGY, CONCORD, EXPRESS no ROAD CART a dhith ort bhiodh e chum do bhuannachd sealltuinn air an stoc againne. Tha na carbadan a tha sinn a creic cho math ’sa thainig riamh do ’n duthaich. Tha iad socair. Tha iad briagha. Tha iad buan. Sgriobh ugainn air son phrisean. F. FALCONER & SON, Luchd-gnothuich do ’n Canada Carriage Co., an Ceap Breatunn, Sidni, C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B [TD 175] [Vol. 8. No. 22. p. 7] NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Eoghan G. Caimbeal, Sycamore, Ill. A. D. Moireastan, Joliet, Ill. Calum Mac Amhlaidh, Anaheinn, Cala. Domhnull MacRath, Milton, Oregon. Iain M. Stiubhart, Vancouver, B. C. Seumas Mac Leoid, Dawson City. Aonghas Mac Laomuin, Stanchiel, E. P. I. Domhnull Mac Calmain, Kinross, E. P. I. Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont, A. H. Caimbeal, Hartley, Ont. Iain Mac Calum, Heather, Ont. D. I. Mac Ascuill, L’Ardoise Iseal. Iain E. Mac Leoid, Ingonish. A. Domhnullach, Amhuinn a Bhradain. R. Barclay, Sidni. Bean Neill Mhoireastain, Salem Road. Ailean Mac Leoid, Whitney Pier. Padruig Mac Neill, Cobh a Phiobaire. I. W. Domhnullach, Malagawatch. Alasdair Mac-an-t-saoir, Catalone. Bean Iain Mhic Nimhein, Catalone. Uilleam Domhnullach, Marion Bridge. Iain S. Gillios. Cul Loch Ainslie. An Cogadh. Tha e air aithris gu bheil Morair Roberts gu bhi air a chur do cheann a deas Africa mar ard-cheannard air an arm Bhreatunnach. A reir choltais cha’n eil e cho soirbh na Boers a chisneachadh ’sa bhatar an duil; tha iad ’nan daoine ro-threun, tha neart mor ann dhiubh, agus iad air an deagh uidheamachadh air son cogaidh. Mur biodh sin cha bhiodh Breatunn a dortadh uiread airm dh’ an duthaich. Tha aice ann a nis diuth air ceud mile saighdear, agus an uine ghoirid bidh mu fhichead mile eile ann, air chor ’s nach armailt bheag no shuarach air am bi Roberts na cheannard, ma tha e fior gu bheil e dol ann. Cha d’ thainig sgeul a b’ fhiach air a chogadh air an t-seachdain so; tha na claisean troimh ’m feum iad tighinn air an druideadh cho curamach le riaghladh an airm. Chaill na Breatunnaich faisg air ceithir cheud gu leth duine anns am blar Modder River. Sgeul Ur. Air a’ cheud sheachdain dhe’n Bhliadhn’ Ur, bidh sgeul ur a toiseachadh anns a MHAC-TALLA,—“Rob Dona, mac na Bantraich.” Cha ruigear a leas de mholadh a dheanamh oirre ach a radh gur h-e ’s ughdar dhi ar caraid urramach “Iain,” air am bheil a mhor-chuid de ar leughadairean a cheana eolach. Tha fhios againnn gu ’n toir a leughadh mor thoileachadh agus fiosrachadh do shean us og. Bha aig muinntir Mhanitoba ri bhi taghadh parlamaid ur an de. Aig am dol a chlo, cha b’urrainn fios a bhi againn ciamar a chaidh an latha. Bha ’n da phairtidh a deanamh an lan dhichioll air an cuid dhaoine fhaotainn air an taghadh, agus mar is abhaist ’na leithid, bha muinntir gach pairtidh a’ gabhail orra bhi lan chinnteach a buaidh. Tha Uisdean Iain Domhnullach, mac do Shir Iain A. Domhnullach, nach maireann, air cheann nan conservatives, agus tha e ’na neart mor dhaibh. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c, &c. GAN CREIC SAOR. THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Ceannaich Punnd de Union Blend Tea AGUS BIDH COTHROM AGAD AIR DUAIS MHATH AIRGEID FHAOTAINN. Tha iuchair anns gach pasg puinnd. Gleidh na h-iuchraichean agus thoir a stigh iad ann an Nobhember s’a tighinn. An neach aig am bi an aireamh a’s motha dh’ iuchraichean, gheibh e CEUD DOLAIR A DH’AIRGEAD Tha ochd bocsaichean airgeid ri bhi air am fosgladh air a cheud latha de Desember, anns am bheil $5, $10, $15, $20, $25, $50, $75, agus $100. Cha ’n eil ann ach aon iuchair air son gach bocsa, agus neach a chuireas a stigh an iuchair cheart, gheibh e na th’ anns a bhocsa dh’ fhosglas i gu saor agus a nasguidh. Gheibhear Union Blend Tea aig Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 176] [Vol. 8. No. 22. p. 8] Oran. LE AONGHAS MAC MHUIRICH, A MUILE. AIR FONN:—“Ower the water tae Charlie.” ’Se fath mo mhulaid gu’n d’ fhas mi duilich, Bho’n dh’fhag mi buileach an t-aite, ’S ann fada mo thuath a’n iomall a’ chuain Tha’n t-eilean ’s an d’ fhuair mi m’ arach. ’S e mheudaich mo mhulad bhi ’m bliadhna ’s an uraidh Gu cian bho m’ chuideachd air anradh, ’S ge taitneach le cuid a bhi ’n Glaschu fuireach, ’Se b’ anns’ a bhi ’m Muile nan ard bheann. ’Se fath mo mhulaid, etc. Fhir a theid thairis do Mhuile nam beannaibh, Thoir soraidh bhuam dhachaidh gu m’ chairdean, A’s innis gur maith leam bhi cluinntinn gur maireann Gach duine ’n Loch Leamhainn mar dh’ fhag mi. Ma gheibh mi mar ’s maith leam tha duil ’am dol fhathasd A chumail na calluinn mar b’abhaist; ’S ged bhios mi air m’ aineol cha leig mi as m’ aire Gach fasan bh’ aig clanna nan Gaidheal. Ged tha mi ’s an am so ’n comhnuidh measg Ghall Tha m’ inntinn an geallair bhi lamh riubh, Bu taitneach mar cheaird leam bhi fiadhach feadh bheann, Seach giulan na lanndair ghrannda. ’N uair bhios mi leam fhein a mach air an oidhche ’Gimeachd air lom nan sraidean, Gur tric bhios mi caoidh bhi ’n duthaich nan Gall, Le comunn gun suim do m’ chanain. ’Nam faighinn mo dhurachd, philiin do m’ dhuthaich, ’S cha bhiodh mo dhuil ri fhagail, ’S cha tug mi cho fad’ ann am baile nan du-Ghall Mur bitheadh ’s an uir mo chairdean. Marbhphasg air na daoine ’chuidich an sgaoileadh, ’Mheudaich ’s a dhaor na mail oirnn, Ach guidheam do phairt dhiubh mu’m fag iad an saoghal, Gu’m faigh iad na’n saothair paigheadh. Rinn pearceall chaorach, fearann a dhaoradh, ’S dh’ innis dhuinn daoine ’n fhaistneachd— Gu’n cuireadh iad gaisgich nan gleannaibh air faointraidh, ’S duthaich nan laoch ’n a fasach. Cha’n ioghhadh mi idir bhi sileadh nan deur, ’N am cuimhneachadh gniomh gach baillidh, Mar chuir iad fo chaoraich gach aonach a’s sliabh, ’S na daoine chuir cian thar saile. Na’n eireadh dhuinn cogadh a thighn’ air an tir, Co ’sheasadh an rioghachd bho ’n namhaid? Ach creididh na Sasunnaich fhathasd gur fior, Gur mor ga’n dith na Gaidheil. Gur h-iomadh fear treun bha ro-mhath ’s an streup ’S a chuireadh retreut air namhaid, Tha’n diugh an America leagadh nan geug. A’s caoraich a’s feidh na aite. Tha fearann ar gaoil fo fhroinneach ’s fo fhraoch, A policeman’s lantern. ’S gach machair a’s raon gun aiteach, ’S cha’n fhad’ a ’bhios duin’ ann am “Muile nan craobh,” Ach Goill ugus caoraich bhana. Tha crioch air mo dhuan mu’n gabh sibh rium gruaim, Bho’n ’s eallainn gun bhuaidh a bhardachd; Ach fhad’ s’ bhios mi maireann cha toir mi dhi fuath Oir cumaidh i suas a Ghaidhlig. Oran. LE IAIN MAC DHOMHNUILL, ANN AN EILEIN MHUILE AIR FONN:—“O, nach robh sinn mar bha.” O, cha ’n urrainn mi ann, Gu de mar is urrainn mi ann? Cha ’n urrainn mi direadh a’ mhullaich Bho’n dh’ fhas sinn uile cho fann. Ma thig na Russianaich thairis, Mar tha iad a’ bagairt ’s an am, Co a thilleas iad dhachaidh? ’S na gaisgich againn’ air chall. S iad gu’n seasadh an larach, ’S nach bitheadh gun arach an call, ’S mur striochdadh na naimhdean dhoibh toileach, Gu’m bitheadh an collan gun cheann. Na Gaidheil fhuranach, ghleusda, ’S an gunn’ air dheadh ghleusadh ’n an laimh, ’Bheireadh an coileach bhar gheugan, ’S a leagadh mac eilde ’na dheann; Mar sud a’s luchd-breacan an fheilidh, Chite air sleibhte nam beann; Ach ciobairean glasa nan aomul, ’S beag orr’ na daoin’ a bhios ann. A’ mhuinntir a bhiodhmid a’ tathaich. Air lionmhor fathach nan gleann, Tha iad a nis air dol thairis Do rioghachdan fada bh’ uainn thall; ’S ann oirnn a thainig an latha, ’Bhi ’g eisdeachd glamartaich Ghall, ’Stiureadh a’ choin air gach taobh dhiom— Sgoiltidh an glaodhaich mo cheann. Caoraich mhaola a Sasunn A’ tighinn bho mhachair nan Gall, An aite crodh-laoigh agus aighean, Bhiodh againn air sraithean nan gleann, Gruagaichean og a’ toirt air’ oirre ’M bothan na barraich ’s an am, A’ leigeil nan gobhar ’s ga’n cuallach Tiomchioll air bruachan nan ailt. Na tighean ’s am faighte an aoidheachd Air aireachan caoine uan gleann, Tha iad a nise gun daoine. Na’n totaichean maola gun cheann; ’S leac-an-teinntein dh’ fhuaraich i, Cointeach a’s luachair mu ’ceann; Sud far am faighte na gillean Bhiodh math ann an iomairt nan lann. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. Am Feillire. DESEMBER, 1899. 1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768. 2 Di-satharna 3 DI-DONAICH I. Donaich dhe’n Teachd. 4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Mone, 1608. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542. 9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685. 10 DI-DONAICH 11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718. 12 Di-mairt 13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784 14 Dior-daoin 15 Di-haoine 16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718. 17 DI-DONAICH III. Donaich dhe’n Teachd. 18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689, 19 Di-mairt 20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836. 21 Dior-daoin 22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH IV. Donaich dhe’n Teachd. 25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870. 26 Di-mairt 27 Di-ciaduin An fheill Eoin. 28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734. 29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766 30 Di-satharna 31 DI’DONAICH MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F. A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F. An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, - - - - C. B [TD 177] [Vol. 8. No. 23. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 15, 1899. No. 23. Litir a Leodhas. A MHIC-TALLA RUNAICH,—Tha mi fo chomain mhoir dhut air son gu’n do lean thu air a bhi cur do phaipeir ciatach am ionnsuidh, an deigh do ’n uine air son ’n do phaigh mi ruith. Tha mi tamhachd ann an ait’ iomallach do’n eilean agus uime sin cha’n eil e ’n comas domh do phaghadh cho riaghailteach ’s bu mhath leam. Ach tha mi ’n dochas gu’n gabh thu mo leisgeul. Cha deach thu air di-chuimhne orm idir. Cuir taing uam a dh’ ionnsuidh an fhir a tha ’g innseadh dhuinn mar a rinn e fhortan. Tha mi ’n dochas gu’n d’ rinn e fhortan agus gu’n do mheal e e ’n deigh dheanamh. Tha mi mar an ceudna ’n dochas nach d’ rinn e dearmad air athair no air a mhathair, a bha cho tursach na dheigh an uair a dh’ fhag e iad. ’S iomadh mionaid a chuir mi seachad a leughadh a sheanachasan gasda agus gu dearbh ’s e mo chead gu’m beil e nise beo a lan shealbhachadh sith agus sonas maille ri pailteas. Tha mi ’g ionndrainn au mor gu ’m beil Bodachan a’ Gharaidh na thosd aig an am so. Tha mi’n dochas gu’n toir esan dhuinn seanachas math cridheil eile ann an uine ghearr. Cha’n eil an t-iasgach san aite so am bliadhna co soirbheachal sa b’ abhaist dha bhi mu’n am so. Tha grunnd iasgaich nan langannan agus nan h-adaig air a spuirleadh gu ro bhuleach leis na plaighean thrallairean a tha gun fhois a cur dragh oirnn. Cha’n ’eil Riaghladh na Rioghachd ga’r dion anns a chuis so mar bu choir dhith, no idir mar bu mhath leinn. Gun teagamh sam bith tha reachdan aice air an deanamh air son ar dion, ach tha na trallairean ’gam briseadh mu choinneamh ar suilean, eadhon mu airde mheadhon la. Chuir sinn fios cho fad as ri Lunnainn air son na cuise so, ach gus a so cha d’ fhuair sinn freagradh coir sam bith. Chuir an Riaghladh uair no dha bata smuide a nuas thugainn; is ainm dhith ’sa Bheurla Vigilant, agus ged a tha ’n t-ainm sin a’ ciallachadh a bhi iasgaidh agus furachar cha ’n eil ise aon chuid, no ’n da chuid. ’Se bu choir a bhi orra m’ Beag feuma no ’n t-Ainm gu’n an toirbh. Their an ceann iuil a th’ orra ruinn gur breugairean sinn ma dh’ aithriseas sinn gu ’m faca sinn aon trallair air taobh a stigh nan cricohan. O nach robh an lagh a sealltuinn a mach air ar son, b’ eigin do na h-iasgairean againn an lagh a ghabhail uair no dha nan lamhan agus iad fhein a dhol g’an glacadh, oir bheir fasgadh na sroine ful a mach. Sheall iad aig na h-amannan sin gu’n robh ful nan seann laoich o’n d’ thainig iad a’ ruith fhathast nan cuislean. Fhuair sgioba bheag do iasgairean tapaidh, misneachdail a mhuinntir Phort-nan-gurain agus na h-Airde, bata smuide beag an iosad ann an Steornabhagh agus dh’ fhalbh iad do ’n Laoch-a-Tuath, mu mheadhon oidhche, gun ghunna, gun fhudar, no armachd air bith. Le foighidin, durachd, seoltachd, agus seoladaireachd ealanta, fhuair iad a’ mearlach ’s a bhraide na lamhan, agus gu’n soluis gun soillse, agus ainm ’us aireamh araon air am folach. Air son aobhar nach eil doirbh a thuigsinn cha robh na h-iasgairean air am bheil sinn a labhairt a’ giulain soluis an aite faicsinnach air bith, na bu mho, aig an am so, agus mar sin gu socrach, faiceilleach, samhach, sheoil iad gu cliathach an trallair; agus ’s gann gu robh fios aige gu’n robh cunnairt sam bith faisg air an uair a bha ’n comhdach a bha folach an aireamh aige air a reubadh, agus solus (a bha gus a so folaichte aig na h-iasgairean) air a chumail suas; an aireamh aige air a leughadh a mach, agus air a chumail air chuimhne gu curamach leo. Cha’n fhoghnadh so leis na fir. Air bord an trallair rach iad nan deann, agus thug iad dhoibh beagan bhuilean mar thuarasdal air son an danadais. Shaoladh coigrich gu’n robh na h-iasgairean ro thearc ann an aireamh air son batal a chumail riu, ach chaidh an oidhche leo gu ro mhath, tearc ’s mar a bha iad. Chaidh aon aca—Donull Mhata—faisg air a bheatha chall san upraid, ach le neart a ghairdeannan chum e triuir do sgioba ’n traillair fodha—aon fo ghluin agus aon anns gach dorn air sgornain—gus ’n d’ rainig cobhair e Ann an teas na sabaid, dh’eigh Donull Ruadh, a sheas mar gu’m fhior aite ceannard, agus a bha fhathast air bord sa bhat’ againn fhin, ’sa Bheurla “An greim a bheugalaid” (Fix bayonets) armachd nach robh air an taobh so do’n Chuan Sgith idir aig an am, ach na bha fo ghlais na Ban-righ ann an Steornabhagh. Air cluinntinn iomradh air an inneal sgriosach ud, agus air cuimhneachadh dhoibh air fileantas a Ghaidheil ann a bhi ga laimhseachadh, gheilt agus gheill iad, oir shaol leo gu’n robh i aig na fir. Smachdaich iad mar sin an trallair agus thug iad leo i gu buadhach, gun dochann gu’n chall ni air bith ach aon cheannbhir cinn, do Stornabhagh far an deach’ an ceann iuil a chur fo dheuchainn, agus an d’ fhulaing e peanas. Chuir an t-euchd dana dalma so ioghnadh air moran de mhuinntir Bhreatuinn. Bha e air a dheanamh cho folchuidh, cho samhach, cho beag fuaim agus farum, gidheadh cho seolta, cho diongmhalta, cho dreuganta, cho ealanta, cho sgiobalta agus cho soirbheachal sa dheanadh Morair Frannsaidh Drac fhein; agus sin gu leir air a dheanamh le iasgairean an ath oidhche an deigh do’n Ainm gu’n an toirbh a cuisean a thoirt suas ann an eu-dochas, agus an uair a bha i nise na luidhe san acarsaid ’sa sgioba nan codal. Thug iad o’n uair sin leis na bataichean adaig na trallachan o thuilleadh de na biastan sin! Cha’n ’eil iad a nise ag iarruidh ach bata smuid beag le cuid armachd o chinn riaghlaidh na rioghachd, agus o nach dion an rioghachd iad gu ’n cum iad fein an coraichean. Cha’n fhaigh iad sin. Dh’iarr iad o’n uair sin da ghunna, fudar, agus peilleirean leis an armaicheadh iad aon de ’m bataichean sgadain! Cha’n fhaigh iad sin nis mo. Ach cha’n eil teagamh nach ann as an gliocas a tha ’n luchd-riaghlaidh a diultadh na nithe sin. Oir nam faigheadh na fir ud bata beag smuid a ruitheadh dusan mile san uair, le cuid armachd, is iomadh fear trallair a chailleadh anam. Mo thruaighe esan a ghabhadh air an uair sin tighinn air taobh stigh nan criochan. Gu’n sealladh Sealbh airsan. Oir tha iad na laoich a tha anbarrach eallamh agus ullamh ann an arm-chleas air a chuan. Tha iad direach mar a thubhairt am bard:— “Mar a bhlath mhaduinn shamhraidh iad ciuin ann an sith, Ach mar gheamhradh nam beann aca searbh ann an stri.” Gabh mo leisgeul air son na h-urad de rum a thoirt o MHAC-TALLA. Is mi do charaid na h-uile latha chi ’s nach fhaic, MAC DHONUILL THORMAID. Triuir bhan-chompanach is coir do gach duine bhi mor a’s iad—a’ bhean, a stamag, agus a chogais. Litir a New Zealand. FUNGUS. Tha so a fas air na craobhan, agus tha e de’n aon ghne ris na balgain-buachair a tha fas anns an talamh, ged nach eil e dol ’s an aon chumadh riutha. Bha e fas ri m’ linn-sa air craobhan a bheithe ghil ann an America. An sin bha e fas ’na mheall cruaidh agus a tiormachadh ris a ghrein; bha’n cridhe aige tioram, agus ’s ann as a bha sinn a faighinn sponn, a bha feumail an am a bhi togail teine, mu ’n do thoisicheadh air deanamh lasadan. Tha e, an so, a fas gu pailt air fiodh bog, anns nach eil feum sam bith. Cha’n eil e fas air fiodh sam bith anns am bheil nadar a ghiuthais. Tha e a tional ann an tomhas mor air na fearainn chuil, far am bheil na tuathanaich ag ur-leagail na coille air son aitich; nuair tha na craobhan nan laidhe tha e a tional moran na’s motha, air na geugan ’s air a h-uile mir dhe’n chraoibh. Tha e fas nuair tha na craobhan nan laidhe grodadh air an talamh. Nuair a tha ’m fiodh bog, tha e grodadh an uine ghoirid. Tha an sin bith an fhiodha dol a mach mar an anail, a fas air taobh a muigh na craoibhe mar dhuilleig bhig, ’s tha e cruadhachadh ri teas na greine. Nuair tha e tioram cruaidh, tha e coltach ri leathair a bhiodh air a chrupadh an deigh a leth losgadh ris an teine. Thatar ’ga thional bog no tioram, ach feumaidh e bhi tioram, cruaidh, mu’n cuirear gu margadh e. Tha luchd fhearainn cuil a thional moran dheth; bidh beag us mor, og us sean, a mach, a h-uile neach le poca. Tha iad a faighinn mu thri sgillinn am punnd de phris air, agus ni paisde beag tuarasdal math air a thionail. Tha na marsantan feadh na duthcha ’ga cheannach. Tha iad ga chur air falbh do Shina, a h-uile mir dheth. Cha’n eil fios cinnteach agam gu de tha na daoine buidhe deanamh dheth, ach tha e air aithris gu’m bi iad ’ga thaiseacchadh, ’s ga leaghadh, agus an sin ’ga dheasachadh mar eanaraich. Tha muinntir na duthcha sin a cur feum air a h-uile ni beag a gheibh iad. AN “KEA.” ’Se so seorsa de Pharraid a tha marbhadh nan caorach anns an eilean a deas. Bha e pailt anns na beanntan arda tha anns an earainn sin de’n duthaich. Cha’n eil e idir na ian mor ged a ni e obair gle fhuilteach. Tha [TD 178] [Vol. 8. No. 23. p. 2] sluagh a nise ’ga mharbhadh; ’sa toirt tastan an ceann air a h-uile aon a theid a mharbhadh. Tha itean briagha air a tha reic air pris mhath. Bha e ’na ian neo-choireach gu leor an toiseach; ’s ann o chionn aireamh bheag bhliadhnaichean a thoisich e air an obair ud. Laidhidh e air druim na caorach, agus cha’n urrainn do’n bheothach bhochd a chrathadh dhith. Tha gob biorach cruaidh air, ’s tha e tolladh gun stad gus an ruig e na h-airnean; ithidh e a shath dhiubh, agus theid e gu caor eile an ath turus. Bha mi leughadh ann am paipear mu dhoighean nan ian so, mar a chunnacas iad le coignear dhaoine bha muigh aig ceann loch Wanaka an Otago. Bha iad gu math ard air beinn Tasman, nuair a mhothaich iad do mhoran de na h-eoin so. Bha iad fada air falbh an toiseach, ach a tighinn am fagus daibh a lion beagan us beagan. Thainig iad air adhart gu larach buth far an robh moran de nithean gun fheum air am fagail, seana bhrogan, botuill agus nithean mar sin. Rannsaich iad na h-uile ni. Thog fear dhiubh am botull gu h-ard, ’s leig e as e. Bha na daoine nan suidhe timchioll air aite-teine, seann bhuideal iaruinn anns am biodh tarnean, le toll air air son gaoth dh’ an teine. Chunnaic fear de na h-eoin an teine troimh ’n toll, ’s cha’n fhoghnadh ach a ghob a chur a stigh ann, ach ma chuir, tharruinn e air ais e gu h-ealamh ’s theich e ag eigheach; ’s bha na h-aobhair aige. Bha aodach aig na daoine sgaoilte air maidean airson a thiormachadh, agus rinn na h-eoin so a tholladh gu dona. Thatar a deanamh a mach gu’n d’ fhuair na h-eoin so a cheud bhlasad air feoil caorach le te dhiubh fhaotainn marbh, agus gu’n do thaitinn a blas cho math riutha ’s gu’n to thoisich iad air am marbhadh air an son fein, agus lean iad air a chleachdadh sin gus an latha ’n diugh. Ach tha na h-eoin so a nise ’fas gann, agus ’s math gu bheil. A MHAIGHEACH. Tha ’n Kea dona gu leor, ach ’s ann a tha’n t-olc anns a mhaighich. Tha ise, leatha fhein, ’na beothach neo-chiontach gu leor, ach tha i an so a cur na duthcha foidhpe. Cha ’n eil iad ro dhona anns an earrainn so dhe’n duthaich, ach anns an eilean a deas gu h-iomlan, agus ann am pairt de’n eilean a tuath, na tha deas air baile mor Auckland, tha am fearann air a ruith thairis leotha, mar a tha Australia. Bha iad air an toirt do’n duthaich an toiseach mar phiatain do’n chloinn; bhatar a gabhail riutha mar chuimhneachan air an t-seann duthaich gun amhrus sam bith air an olc a bha iad gus a dheanamh. Bha an aimsir cho freagarrach dhaibh ’s gu’n do shiolaich iad gu bras, agus leudaich iad am fad ’s am farsuinn. Bha fearann chaorach air a sgrios cho mor ’s gu’n do chuir e ’n sluagh gu bochduinn,—miltean de dh’ acraichean air a sgrios, a h-uile bileag fheoir air ithe leotha. Tha iad a siolachadh a h-uile ceithir miosan, agus mar sin feumaidh iad a bhi pailt. Tha’n sluagh a deanamh a h-uile h-innleachd air son am marbhadh, ach tha iad a fas cho bras ’s nach eil stad sam bith orra. Tha cuid de dhaoine saoibhir aig am bheil moran fearainn a cur callaidean iaruinn ma thimchioll; tha iad air an deanamh de snathainean caola air a chur ri cheile mu thri no ceithir a dh’ oirlich de mhasg, agus ceithir troighean air doimhnead. Tha e air a dheanamh anns an t-seann duthaich, ’s a tighinn a mach an so ’na phasgan. Tha iad cuideachd a’ cladhach dhigean mu dha throigh a dhoimhne; cha teid maigheach na’s isle na sin anns an talamh. Tha miltean de dh’ astar air am bheilear mar so a cumail dion o mhilleadh nam beothaichean beaga so. Tha daoine dh’ aon cheaird ’g an ribeadh ’s iad a faighinn pris mhath air am bein ann am Breatunn. Bha duin’ abhachdach ann an Australia ag radh gu robh na maighich a streap nan craobh anns an duthaich sin; ach ni iad olc gu leor as eugmhais sin. Tha e air aithris gu bheil a mhaigheach a’ togail a cinn a nise anns an sgireachd is fhaisge air so. Tha moran de thalamh curaidh creadha anns an earann so dhe’n duthaich. An aiteachan tha’n talamh air a thogail leis na crithean-talmhainn, agus anns an sgir a dh’ ainmich mi tha ’n talamh urail, agus furasda do na beothaichean a chladhach. Faodar a radh an so, nach bi ’san fheasgar, maigheach ri faicinn thall no bhos; ach anns a mhaduinn, bidh iad a cuartachadh an aite. Thig iad a mach troimh ’n oidhche gun fhios gun fhaireachadh, ’s cha bhi fios cia as a thainig iad. Tha gu leor sgoilearan am baile mor Dhuneidinn a tha moran na’s comasaiche na mise air sgriobhadh mu na nithean air am bheil mi feuchainn ri iomradh a thoirt dhuibh. Tha mo charaid Domhnull Rothach ’na dheagh sgiobhadair Gailig, agus Uilleam Mac Leoid cuideachd. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, 1 la de’n t-Sultuinn, 1899. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLV. ANNS AN OR A RITHIST. Beagan uine mu’n do ghabh sinn mu thamh, thuirt Tomas gu ’m bu choir dhuinn beagan uisge thoirt as an amhainn air eagal gu’m faodadh am pathadh ar bualadh feadh na h-oidhche. “Theid mi fhein ’s tu fhein a dh’ iarraidh an uisge, Eachainn,” ars’ esan ’s e tionndadh rium. “Ged nach sinn a’s oige, is sinn a’s easgaidhe.” Dh’ fhalbh sinn am mach, agus an uair a rainig sinn bruaich an uisge, thuirt e rium gu beag, “Bha mi air son do chur ’nad fhaireachadh air eagal gu’n tuiteadh dhut innseadh do ’n t-Sasunnach gur sinn a chaidh do ’n champa aca, agus a thug air falbh am fudar ’s an luaidhe, agus na rudan eile. Ged a tha e fein agus a chompanaich reidh, reumail gu leor ruinn an nochd, cha fhreagair e dhuinn, tuilleadh ’s a’ choir a dh’ earbsa chur annta. Cha bhi fios aig duine ciod e duine eile gus am bi a ghnothach ris.” “Leig thusa eadar mise is e. Cha leig mise mo dhiomhaireachd ris an da latha so. Tha earbsa gu leor agam ann fhein, ach cha’n eil fhios ciod an seorsa dhaoine a tha maille ris. Ged a tha e an drasta ’na mhaighstir orra, cha rachainn an urras nach tionndadh iad ’na aghaidh, nan saoileadh iad gu’m buannaicheadh iad air. Ach feumaidh sinn uair no uaireiglnn cothrom a ghabhail air innseadh dha gur sinn a bh’ ann. Agus tha mi ’smaointean gu’m biodh e ceart cho math dhomh innseadh dha mu’n till na fir a dh’ fhalbh air an ais.” “Nam biodh rathad againn air an duine a chur ’na chuid fhein gun guth no iomradh a thoirt air mar a rinn sinn fhein, is e gu mor a b’ fhearr dhuinn. Ach cha’n ’eil mi ’faicinn gu’m bheil rathad againn air so a dheanamh. Tha mi ag aideachadh gu saor dhut gu’m bheil ausgadh agam as na Sasunnaich ge b’e aite anns an tachair iad rium. Cha ’n e gu’n do nochd iad coimhicheas sam bith riamh dhomhsa ann an aite sam bith anns an do thachair iad rium; ach o laithean m’ oige chuala mi moran mu’n deidhinn nach do chord rium. Ma tha’n darna leith dhe na chuala mise mu’n deidhinn fior, cha’n ’eil annta ach an sluagh cho cruaidh-chridheach, cho eucorach, agus cho sanntach ’s a sheas riamn air talamh nam beo.” “A nis, a Thomais, feumaidh mise bruidhinn ruitsa gu saor, soilleir mu dheidhinn sin. Tha na Sasunnach coltach ri daoine eile. Tha cuid dhiubh math, agus tha cuid dhiubh olc. Chuir mise eolas air Sasunnaich agus air Albannaich, agus gus an fhirinn innseadh dhutsa, fhuair mi na Sasunnaich a h-uile buille cho dileas, cho firinneach, cho ceart, agus cho earbsach ri Albannach a thachair riamh rium. Agus ged a tha car de naire orm iomradh a thoirt air, cha do thachair daoine riamh rium bu deise gus an car a thoirt asam na muinntir mo dhuthchadh fhein. Chuala mi gu leor mu dheidhinn na bha na Sasunnaich a’ deanamh de dh’ eucoir air na h-Albannaich anns na linnibh a dh’ fhalbh; agus thug sin orm gu’n robh mi ’cur teagamh annta fad uine mhor. Ach, ma bheir thusa fa’n ear e, cha’n ’eil e ceart dhutsa no dhomhsa a bhith leantuinn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn. Faodaidh Dia sin a dheanamh, ach cha’n fhaod thusa no mise dheanamh. Agus gus a nochdadh dhut nach ’eil e ceart dhomhsa na dhutsa suidhe ann am breitheanas air daoine, agus an diteadh gun lan dhearbhadh a bhith againn gu’m bheil iad uile ciontach, feumaidh mi innseadh dhut, gu’n robh fior dhroch bharail againne ann an Gaidhealtachd na h-Alba air na h-Eirionnaich. Agus c’ar son? A chionn nach robh eolas againn ach air na daoine bu mhiosa agus bu shuaraiche a bha agaibh ann an Eirinn. Is Eirionnach thu fhein gu d’ chul. Agus riamh o’n latha chuir mise eolas ort, fhuair mi thu cho dileas, cho firinneach, agus cho caoimhneil ri mac mathar a thachair riamh rium. Ach ciod a theireadh tu rium nan do chum mi suas coimhicheas riut a chionn gur e Eirionnach a th’ annad? Cha’n ’eil math dhuinn fuireach na’s fhaide an so air eagal gu’n saoil cach gu’n deachaidh ar bathadh anns an amhainn. Na biodh eagal sam bith ortsa gu’n leig mise ris m’ inntinn tuilleadh is saor do’n t-Sasunnach. Tha mi seachd bliadhna da uair, agus an deigh na chunnaic mi dhe’n t-saoghal, agus dhe na daoine a tha air uachdar, bu choir gu’m bithinn a nis gu math air m’ fhaicill rompa. Tha uair aig an achasan is am aig a’ cheilidh. Gabhaidh mise m’ am fhein air m’ inntinn a leigeadh ris dha. Agus tha mi cinnteach nach bi gruaim sam bith air rium an uair a shoilleiricheas mi dha mar a thachair an gnothach.” Cha dubhairt Tomas aon fhacal an aghaidh na labhair mi ris. Agus an uair a thill sinn a steach do’n uamhaidh, thuirt fear dhe na daoine, “Ghabh sinne eagal gur ann a chaidh sibh leis an amhainn. Bha sinn a’ bruidhinn air a dhol g’ ar marbh-iarraidh. Ach is math gu’n d’ thainig sibh” Beagan ’na dheigh sid ghabh sinn mu thamh. Bha sinn taobh air thaobh feumach air fois a ghabhail. Bha sinne an lath’ ud fhein gle neo-shocrach ’nar inntinn. Ged a bha sinn an deigh fortan math a dheanamh, bha sinn fo dhragh inntinn mu thimchioll ar turuis dhachaidh. Bha sinn air thuar ruith am mach a fudar is luaidhe; agus o’n a bha sinn fo amhrus gu’n tachradh iomadh cunnart ruinn, bha car de dh’ eagal oirnn. Bha iadsan a cheart cho feumach air fois a ghabhail ruinn fhein. Bha ’n obair a bha aca moran na bu chunnartaiche agus na bu sgitheile na an obair a bh’ againne. Ged a bha sinn fad o dhaoine, agus, a reir choltais fad o iomadh cunnart a dh’ fhaodadh tighinn ’nar rathad ann an aiteachan eile dhe’n rioghachd ud, rinn sinn gach ullachadh a ghabhadh deanamh gus sinn fhein a ghleidheadh o chunnart sam bith a dh’ fhaodadh tighinn ’nar rathad re na h-oidhche. Cha do chaill duine riamh air e fhein a ghleidheadh gu tearuinte o chunnartan agus o ghabhaidhean. Chaidil sinn uile cho trom ris a’ [TD 179] [Vol. 8. No. 23. p. 3] chloich gus an robh an latha gu math soilleir. Bha sinn air cadal gu math na b’fhaide mur b’e gu’n d’eirich na fir aig an robh na h-eich gus suil a thoirt am mach air eagal gu’n d’ eirich dad dhaibh. Cha robh na fir a bha ris a’ chocaireachd fad’ a’ faighinn a’ bhidh deiseil dhuinn; agus cha bu luaithe a shluig sinn an greim mu dheireadh dheth na bha sinn uile air shiubhal a dh’ ionnsuidh an aite anns an robh sinn a buinig an oir. Chaidh cuisean leinn cho math ’s a dh’ iarramaid an lath’ ud. Bha Daniel agus an coignear a bha comhladh ris suas ri buinig an oir, oir bha iad uine mhath ris an obair. Agus ged nach robh an t-inneal a bha againne, agus a fhuair iad uainne an lath’ ud, ach gle neo-fhreagarrach air son na h-obrach, rinn iadsan feum math leis. Bha sinn ’gan cuideachadh cho math ’s a b’ urrainn duinn, agus ged a thairg iad dhuinn ar roinn dhe na bhuinig sinn, cha ghabhamaid uatha e. Bha sinne gu math riaraichte leis na bhuinig sinn fhein, agus bha amhrus againn nach bu mhisde cuisean air a’ cheann mu dheireadh sinn a bhith cho caoimhneil riutha anns a’ cheud dol am mach. An uair a thill sinn do ’n uamhaidh feasgar, bha iadsan cho toilichte ’s a b’ urrainn a bhith. Bha sinne cho toilichte riutha fhein, agus dh’ fhoghnadh sin. Bha sinn ag obair mar so fad seachdain, agus cha robh latha nach robh sinn a toirt de dh’ or do ’n uamhaidh na dheanadh deagh thuarasdal, cha b’ ann a mhain dhuinne a bha ’g obair, ach mar an ceudna do ’n fheadhainn a chuireadh air falbh a dh’ iarraidh gach feumalachd a bhiodh a dhith oirnn. An ceann na seachdain thuirt Daniel nach robh e coltach gu’m biodh sinne a’ sior obair comhladh ruithasan, agus gun dad againn air son ar saoithreach. Ach thuirt Tomas ris, gu’n do chuir sinne romhainn nach gabhamaid ni sam bith dhe na bha sinn a’ buinig gus an tilleadh cach air an ais, agus an uair sin, gu’n gabhamaid ar roinn fhein dhe na bhiodh air a bhuinig. Ma bha sinn ag obair dhaibhsan, bha iadsan ag obair dhuinne, an uair a bha iad air falbh ag iarraidh bidh is aodaich, agus iomadh ni feumail eile. Dh’ aidich iad mu dheireadh gu’n robh so ceart gu leor. Thug sinn seachdain eile air obair gu dichiollach mu ’n do thill cach air an ais. Agus bha sinn uile ’gabhail fadachd gu leor nach robh iad a tilleadh. (Ri leantuinn.) Air iarrtus an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, chuir Comunn Gaidhealach Antigonish, aig a choinneamh mu dheireadh, suim airgeid air leth air son teagasg na Gailig. Gheibhear oran do’n Chomunn so le Mr. Sinclair, air taobh eile dhe’n aireamh so. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXII. Chuir an righ fios air a dhithis mhac, agus bha e air an grad mharbhadh, mur b’ e gu’n do chuir Armanos, an seann righ, bacadh air. “A mhic,” ars’ esan, “ciod a tha thu ’dol a dheanamh? Am bheil thu ’dol a shalachadh do lamhan fhein le d’ fhuil fhein ann ud’ luchairt fhein? Tha iomadh doigh eile ann gus peanas a dheanamh orra ma tha iad ciontach.” Rinn Armanos na b’ urrainn e gus inntinn an righ a chiuineachadh, agus dh’ iarr e air mion-rannsachadh a dheanamh feuch an robh iad da rireadh ciontach dhe ’n olc a bha air a chur as an leth. Cha robh toil aig Alsaman beatha ’dhithis mhac a thoirt air falbh le ’lamhan fhein. Dh’ ordaich e an cur an sas, agus chuir e fios air Giondar, aon de chinn-feadhna na rioghachd, agus dh’ ordaich e dha an toirt air falbh astar mor as a’ bhaile, agus an cur gu bas ann an doigh sam bith a thogradh e. Agus thuirt e ris nach fhaodadh e tilleadh air ais do ’n bhaile mur biodh an cuid aodaich aige mar chomharradh gu’n do chuir e gu bas iad. Dh’fhalbh Giondar leotha, agus lean e roimhe fad na h-oidhche. Trath ’s a’ mhadainn, an uair a bha iad astar mor air falbh o ’n bhaile, thug e orra tighinn bhar muin nan each. Dh’ innis e dhaibh, agus e ’sileadh nan deur gu frasach, mar a dh’ aithn an righ dha an cur gu bas. “Faodaidh sibh mo chreidsinn,” ars’ esan, “an uair a their mi, gur i an obair so a dh’ aithn bhur n-athair dhomh a dheanamh—obair ro chruaidh-chridheach—an obair a’s deuchainniche a chuireadh riamh fhathast mu m’ choinneamh. B’ fhearr gu’n rachadh agam air a seachnadh!” Fhreagair na prionnsachan e, agus thuirt iad, “Dean do dhleasdanas. Tha fios againne gle mhath nach ’eil coire sam bith agadsa ri ar bas-ne, agus tha sinn a toirt mathanais dhut le ar n-uile chridhe.” An sin chuir iad an lamhan mu ’n cuairt air a cheile, agus le tuirse agus do-bhron dh’ fhag iad beannachd aig a cheile. Bha iad a’ greimeachadh ri ’cheile uine mhor, agus iad ri caoidh. B’ e prionns’ Asad a’ cheud fhear dhiubh a rinn deiseil air son am bas fhulang. Thuirt e ri Giondar, “Toisich agamsa, a chum nach bi de dhoilghios agam na chi mo bhrathair Amgiad air a chur gu bas.” Chuir Amgiad ’na aghaidh so. Agus an uair a chunnaic Giondar an connsachadh a bha eatorra feuch co am fear dhiubh a chuirteadh gu bas an toiseach, agus a thuig e gu ’n robh gradh ro mhor aca dh’a cheile, ghuil e na bu ghoirte na rinn e riamh. Mu dheireadh shuidhich iad gu’n rachadh an ceangal ri ’cheile, agus gu ’n rachadh an cur gu bas le ’cheile, leis an aon bhuile. Ars’ iadsan ri Giondar, “Anns an t-suidheachadh mhi-fhortanach anns am bheil sinn an diugh, an deigh dhuinn na chaidh seachad dhe ar beatha a chaitheamh maille ri cheile ann an cairdeas, an comunn ’s an gaol, thoir dhuinn de thoileachadh anns na mionaidean deireannach gu ’n cuirear gu bas sinn leis an aon bhuille.” Dheonaich Giondar gu’n deanadh e mar a bha iad ag iarraidh air. Cheangail e aghaidh ri aghaidh iad. Agus an uair a chuir e ’nan seasamh iad far am biodh e furasda dha buille a thoirt dhaibh a chuireadh na cinn dhiubh le cheile, dh’ fhaighneachd e dhiubh, an robh dad sam bith aca ri radh ris mu ’m faigheadh iad am bas. Fhreagair iad e, agus thuirt iad, “Cha ’n ’eil sinn ag iarraidh ort ach gu ’n innis thu do ar n-athair an uair a thilleas tu, gu’n dubhairt sinn riut anns na mionaidean deireannach, gu’m bheil sinn a’ cheart cho neo-chiontach ris an leanabh a rugadh an raoir. Ach cha ’n ’eil sinn a’ cur coire sam bith airsan air son ar bais, o ’n a tha fios againn nach d’ fhuair e ’mach an fhirinn mu dheidhinn na cionta a tha air a cur as ar leith.” Gheall Giondar gu’n deanadh e mar a bha iad ag iarraidh air. Bha ’n t-each aige ceangailte ri craoibh faisge air an aite anns an robh iad, agus an uair a thug e an claidheamh as an truaill gus na prionnsachan a mharbhadh, bha leithid de lainnir as a dearsadh na greine ’s gu’n do ghabh an t-each eagal. Thug e leum as, agus bhrist e an t-srian, agus dh’ fhalbh e ’na dheannaibh. Bha ’n t-each agus an diollaid a bh’ air cho luachmhor ’s nach robh toil aig Giondar a chall. An aite na cinn a ghrad chur bhar nam prionnsachan, thilg e uaithe an claidheamh, agus am mach a ghabh e as deigh an eich. Lean an t-each roimhe ’na chruaidh leum air feadh na coille gus an do chuir e astar mor ’na dheigh. Lean Giondar air a luirg e; agus leis na bha an t-each a’ deanamh de shitrich, dhuisg e leomhan mhor a bha ’na cadal anns a’ choille. Cha bu luaithe dhuisg an leomhan na sid am mach a ghabh i as deigh Ghiondair. An uair a chunnaic Giondar gu’n robh an leomhan a’ ruith ’na dheigh, cha robh smaointean aige air an each. Ruith e air falbh gus e fhein a theanacas air feadh na coille, agus e cumail suil air an leomhain. An uair a bha e mar so ’na eiginn thuirt e ris fhein, “Is ann mar chomharradh gu’m bhell na prionnsachan neo-chiontach a tha mi anns a’ chunnart so; agus gu mi-fhortanach cha ’n ’eil mo chlaidheamh agam gus mi fhein a dhion.” Am feadh ’sa bha Giondar air falbh, bhuail pathadh mor na prionnsachan. Is e a b’ aobhar dha so, gu’n robh eagal orra roimh ’n bhas, a dh’ aindeoin cho suidhichte ’s a bha iad gu’m fuilingeadh iad am bas mar a dh’ ordaich an athair dhaibh. Dh’ innis Amgiad dh’a bhrathair gu’n robh fuaran faisge do’n aite anns an robh iad. “Ochan! a bhrathair,” ars’ Asad, “cha bhi sinn fada beo, agus ciod e am feum a th’ againn air ar pathadh a chasg. Cuiridh sinn suas leis beagan uine fhathast.” Cha d’ thug Amgiad geill sam bith do na thuirt a bhrathair ris, ach ghrad dh’ fhuasgail e e-fhein agus a bhrathair. Chaidh iad thun an fhuarain, agus dh’ ol iad an sath dhe ’n uisge. Anns an am chual’ iad an leomhan a’ beuchdaich. Chual’ iad mar an ceudna an glaodh gearaineach a bh’aig Giondar anns a’ choille. Rug Amgiad air a’ chlaidheamh a thilg Giondar air an lar, agus thuirt e ri Asad, “Tiugainn, a bhrathair, agus thugamaid cuideachadh do Ghiondar bochd. Is docha gu’n ruig sinn ann an am gu fuasgladh a thoirt dha o ’n chunnart anns am bheil e.” Ruith iad le cheile do’n choille, agus rainig iad Giondar direach anns an am ’s an robh an leomhan gus a bhith ’na bhad. An uair a chunnaic an leomhan Amgiad a’ dol ’na coinneamh, agus claideamh ruisgte ’na laimh, thionndaidh i air falbh o Ghiondar, agus thug i a h-aghaidh air Amgiad. Choinnich e i gun fhiamh, gun eagal, agus, le aon deadh bhuille, leag e i. An uair a chunnaic Giondar mar a shabhail an dithis phrionnsachan a bheatha dha, thilg e e-fhein air am beulaobh air an talamh, agus thug e mile taing dhaibh air son na comain mhor a chuir iad air. An uair a dh’ eirich e ’na sheasamh, agus a phog e an lamhan, thuirt e, “Nar leigeadh Dia gu’n tugainn-sa gu brath tuilleadh oidhirp air bhur beatha thoirt air falbh an deigh mar a chuir sibh sibh-fein ann an cunnart mor gus mo bheatha-sa shabhaladh. Cha bhi aig duine gu brath ri radh gu’n robh Giondar cho neo-thaingeil ’s gu ’n deanadh e cron sam bith oirbh.” “Ged a shabhail sinne do beatha dhut,” arsa na prionnsachan, “cha bu choir dhutsa gun an obair a dh’ ordaich an righ dhut a dheanamh a chur an gniomh. Glacamaid an t-each an toiseach, agus an sin tillidh sinn do ’n aite anns an robh sinn roimhe.” Bha e furasda gu leor dhaibh an t-each a ghlacadh; oir bha e air e-fhein a chlaoidh leis na rinn e de ruith. An uair a fhuair iad greim air, chaidh iad far an robh am fuaran, agus ghuidh iad air Giondar gu’n deanadh e mar a dh’ aithn an athair dha. Ach cha tugadh e geill sam bith dhaibh. Thuirt e riutha, “Is e mo chomhairle-sa dhuibh, agus tha mi ’g earbsa ribh gu’n gabh sibh i, gu ’n roinn sibh mo chuid aodaich fhein (Air a leantuinn air taobh 182.) [TD 180] [Vol. 8. No. 23. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, DESEMBER 15, 1899. Bhatar a taghadh fhear-parlamaid ann an ceithir siorrachdan an Ontario Di-mairt s’a chaidh, agus bha da liberal ’s da chonservative air an taghadh. Tha an riaghladh liberal mar sin air fhagail aon duine na’s laige na bha e roimhe; cha’n eil aca bharrachd air a phairtidh eile anns a pharlamaid ach coignear no sianar. Is e an t-Onarach Seoras W. Ros is priomhair air Ontario an drasda; b’fheudar do Mr. Hardy an dreuchd a leigeil dheth toiseach a gheamhraidh, air dha bhi ann an droch shlainte. Fhuair an t-arm Breatunnach da dhroch thilleadh o na Boers air an t-seachdain so. ’Sa mhaduinn Di-donaich bha blar teth air a chur aig Stromberg; mhair e mu thri uairean, agus b’ fheudar do na Breatunnaich an larach fhagail. Bha da mhile ann de na saighdearan Breatunnach, fo ’n t-Seanalair Gatacre. Bha iad air am mealladh le luchd-iuil a bh’ aca, agus fhuair iad na Boers moran na bu lionmhoire ’s na bu laidire na bha iad an duil. Chaidh aireamh bheag a mharbhadh ’sa leonadh; ach b’e ’n call bu mhotha gu’n deachaidh mu shia ceud dhiubh a ghlacadh leis na Boers. Di-luain, chuir an Seanalair Methuen blar aig Modder River, agus chaidh an latha ’na aghaidh gu dona. Rinneadh moran dhe chuid shaighdearan a mharbhadh ’sa leonadh. Bha da mhile dheug ann dhe na Boers. Cha d’ fhuaireadh fios cinnteach fhathast mu’n bhlar so, ach tha ’n da thilleadh so a fhuair an t-arm an deigh gruaim a chur air na Breatunnaich. Ged nach eil eagal sam bith gu’m buinig na Boers air a cheann mu dheireadh, tha gach buaidh a gheibh iad ’gam fagail na ’s ladarna ’s na ’s misneachdaile agus cumaidh iad an cogadh air adhart na’s fhaide na dheanadh iad mur biodh e dol leotha. Chuir an taghadh ann am Manitoba ioghnadh nach beag air muinntir Chanada. Anns a Pharlamaid roimhe so, as an da fhichead ball, bu Liberals a tri deug air fhichead, agus bha dithis de chach nach robh air taobh seach taobh. Anns a pharlamaid uir, cha bhi ach a coig no sia deug dhiubh; agus bidh dha no tri air fhichead de Conservatives ann. Tha Uisdean Iain Domhnullach mar sin ri bhi ’na phriomhair air Manitoba, agus cha’n eil iad gann a tha cur roimhe gu’m bi e ’na cheannard air Conservatives Chanada uile gu leir an uine ghoirid, mar a bha athair, Sir Iain A., uine cho fada roimhe. Tha e, gun teagamh, ’na dhuine tapaidh, agus tha nise cothrom aige air fheartan riaghlaidh a nochdadh; ma bhios a riaghladh gu math soirbheachail ann am Manitoba, cha’n eil ni is cinntiche na gun toir a phairtidh cothrom dha air feuchainn ri dreuchd a’s airde chosnadh anns an ard-pharlamaid. Litir a Moosomin. FHIR-DEASACHAIDH,—Chuir litir Bodachan a Gharaidh ’nam chuimhne gu’m bheil uine mhor bho nach robh guth am MAC-TALLA as an aite so, agus tha mi fada ’na chomain airson a bhriathran. Cha’n eil teagamh nach robh ’n aon ghalair oirnn, a chaidh aige fhein air innse cho pongail. Is tric a theireadh luchd gabhail a phaipear ’n taobh so, fad an fhoghair, “ach air an t-saoghal de dh’ eirich do Bhodachan a Gharaidh!” Bha eagal orm fhein gu robh na luibhean a fas ann an garadh na h-inntinn aige; cha’n eil sin mar sin, ach tha e cho frogadach ’s cho geur ’s a bha e riamh. Ged nach eil fios agam caite bheil e comhnaidh theid mi dh’ amharc air a chiad turus a theid mi dh’ Alba; bi mo shuil air taobh gach locha chi mi aig am bi garadh, agus ma chluinneas mi cuideigin gu sunndach a gabhail port araid,abraidh mi, “tha e direach ann an so.” Cha do thoisich Sero fhathast ri crathadh earbuille, agus mar sin tha tha’n t-side a ’s aille againn; thuit meall mor sneachd’ deireadh an fhoghair, ach dh’ fhalbh sin, ’s tha samhradh innseanach againn uige so. Bha ’m barr cuimseach math, ach cha ’n eil a phris ach iseal, sios ’us suas ma leth-chiad sent am buiseal; tha daoine gu math trang a tarruinn a chruithneachd gu maragadh a nis; tha’n rathad (neo ’n trail mar a theirear an so) a dol seachad faisg air an taigh agam. Bi moran Ghaidheal a measg chaich a dol s’a tighinn a Moosomin, far am bheil stuth cruaidh gu leor ga reic. Tha cuid dhiu, mar tha nadarra gu leor, leis an toil blasad air “driuchd nam beann.” Air feasgar ciuin araid chualas farum a tighinn; bha’n sin, sleigh, ’s triuir neo cheathrar do dh’ oganaich innte, fear dhiu a’ gabhail an orain “Nighean donn bhoidheach,” ’s cach a togail an fhuinn; ’n uair a chaidh iad seachad, stad iad ’s chualas deoch eile ’us oran ur. Tha e coltach gun robh gealabhan gasda air fhadadh nam broillich; ’n uair a chuir iad tuilleadh connaidh air, bhuail iad na h-eich ’s thoisich— “Tha tighinn fodham, fodham— Tha tighinn fodham eirigh.” Tha eagal orm nach rachadh aig cuid dhiu air eirigh ach gu math eigionnach ’san am. Leis cho fior chridheil ’sa bha ’m fonn ’s a farum a bh’ ann ’s ann a thoisich mo chas gu’n fhios dhomh air cumail tim. Tha sinn air ar bodhradh le politics a so, na gunnachan mora aig an da thaobh a boilich nar measg; ’s gann nach doir iad ort a chreidsinn gur iad fhein a chruthaich Canada ’s gach ni th’ air uachdar, a tha cur oir ’us barr ’us toradh ’us pailteas ’san tir. Co bha sinn ag eisdeachd an oidhche roimhe ach a seann laoch Sir Tearlach Tupper; bha colsas na h-aoise air a ghnuis ’s air a bhodhaig, ’s liotaiche na h-aoise na theangaidh ’n uair a dh’ eirich e, ach ’eudail ’n uair a ghabh e teas, ghlan a ghuth, ’s thoisich a phearsa air direadh, gus ma dheireadh ’n uair a bha e tri uairean a bruidhinn, bha e cho beo ri uan og. “Cha’neil duil aig basachadh idir,” arsa Calum, ’s e toirt snag air na h-aisneachan agam le uilinn; “shaoileadh tu,” ars esan, “gur e ’n uaigh a bhiodh ma choinneamh suilean na h-inntinn aige; nis na ’n deanainn-sa urad sid do bhruidhinn comhladh, bhiodh tuchadh orm fad mo bheatha.” “Ach,” ars Uilleam ’se freagairt, “tha’n throat aigesan air a linigeadh le brass,”—’se colamadh a bhios aig Uilleam daonnan, airneo “Gailig chruaidh Shasunnaich.” Cha ’n eil am bas na thamh an taobh so; tha e toirt leis do thir na samhchair sean us og, an drasd ’s a rithist. Dh’ eug an Gaidheal bu shine ’n ar measg, Iain Mac-a-Phearsain, (Iain Mac Alasdair Ruaidh) dluth air ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Bidh ionndrainn air uine mhor; bha i na dhuine socharach, ’s chreideadh e rud sam bith; bha e comhnaidh faisg air an rathad-iaruinn agus bha e smaointean gun robh e faicinn moran thrainachan a dol an iar agus gle bheag a tilleadh. Dh’ fhaoighneachd e do thoirmeasg gille bha faisg air, de bu choireach. “Well,” ars an gille, “tha sibh a faicinn cha ’n eil doigh aig an train air tionndadh, tha i cho mor ’s cho trom, bho na dh’ eug dithis Ghaidheil thapaidh a bhiodh ga togail ’s ’ga tionndadh ’n uair a ruigeadh i ceann a rathad aig a mhuir, ach a nis cha’n eil comas air; tha i gabhail plum dash a mach air a chuan ’s tha te ur ’ga deanamh a thilleas.” “Saoil;” ars esan, “nach robh mi fhein a’ smaointean gur h-ann car mar sin a bha chuis.” A guidhe Nollaig ’us Bliadhn’ Ur chridheil dhuibh fhein ’s da’r luchd leughaidh. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Chaidh duin’ og d’am ainm Uilleam Whylie a mharbhadh anns a Mheinn a Tuath Di-luain s’a chaidh, le torr chlach a thuiteam air. Bha a cheann air a phrannadh, ’s bha e marbh air ball. Bhuineadh e do Wales, agus bha e ’g obair anns a mheinn o chionn da bhliadhna. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dce. 8, ’99.—1yr. [TD 181] [Vol. 8. No. 23. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha fios a thainig feasgar an de ag radh gu’n d’ thug Buller a mach Ladysmith, agus gu’n do ghlac e deich mile dhe na Boers mar phriosanaich. Is sgeul math so ma tha i fior, ach cha’n eil fhios fhathast co-dhiubh tha no nach eil. Chaidh duin’ og d’ am b’ainm Tomas Sears a bhathadh oidhche Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, ’se ruith mar phosta eadar Antigonish us Lochabar. Bha an oidhche dorcha, stoirmeil, agus chaidh e le ceann drochaid; thuit an carbad air a mhuin, agus chaidh a bhathadh ann an tri troighean a dh’ uisge. Chaidh fear de na h-eich a mharbhadh. REGINA, Assa.—Tha caraid a sgriobhadh as a bhaile so ag radh gu’n do chum Mic na h-Alba Feill Aindreis am bliadhna anns an doigh ghnathaichte, agus gu robh oidhche chridheil, shunndach, aca. Tha ’n caraid ceudna ’g radh mu’n t-side, gu bheil i anabarrach briagha, cho briagha ’sa dh’ iarradh duin, i bhith; gur ann is coltaiche e ri meadhon an t-samhraidh na ri toiseach a gheamhraidh. Chaidh mu thri mile ’s seachd ceud ceann cruidh, a bharrachd air aireamh mhor chaorach a chur a nuas do Shidni ’s do na bailtean a tha timchioll air, a siorrachd Inbhirneis air an fhoghar so. Tha chuid a’s motha de’n t-siorrachd sin na aite math tuathanachais, agus leis a mhargadh a bhios an so, bu choir do na tuathanaich deanamh gu math anns na bliadhnaichean ri tighinn, oir cha’n eil teagamh nach bi deagh phrisean air gach ni a bhios iad a togail. Thachair droch sgiorradh anns a Mheinn a Tuath Di-satharna s’a chaidh. Bha sianar dhaoine a dol sios do’n mheinn an an cro, nuair a bhrist ni-eigin, agus thuit iad sios tri cheud gu leth troigh. Bha iad uile air an goirteachadh gu dona; chaidh an da chois aig fear dhiubh, Zach Burchell, a bhristeadh. B’e ainmean nan daoin’ eile, Eos. Edwards, Donnachadh Edwards, Alasdair Domhnullach, Robert Dixon, agus Niall Mac Coinnich. Ged a fhuair iad uile an leonadh gu craidhteach, tha choltas orra gu’m faigh iad thairis air ’s gu ’m bi iad gu math am feobhas an uine ghoirid. Tha fear Aonghas Mac Gilleain, a mhuinntir Grand Anse, faisg air St. Peter’s, air chall o chionn corr us mios, agus tha eagal air na coimhearsnaich gu’n do dh’ eirich cron dha. Bha e ’fuireach leis fhein, agus o chionn aireamh bhliadhnachan bha e car as a rian. Chaidh e do Bhoston air an earrach s’a chaidh, agus cha d’rinn e ach tighinn dhachaidh o chionn beagan us mios. Bha mu cheithir fichead dolair a dh’ airgead air a shiubhal an latha chunnacas mu dheireadh e, agus tha amhrus aig cuid nach deach e dhachaidh an oidhche sin, ach gu’n do chuireadh as da air son a chuid airgeid. Co dhiu tha an t-amhrus sin ceart no nach eil, bhathas gun sgeul fhaotainn air an uair a fhuaireadh am fios mu dheireadh an so, ged a bha daoine ’siubhal na coille air a shon fad teann air seachdain. Mharbh na Pattersonaich, aig na Forks, muc an la roimhe a thomhais coig ceud ’s ceithir fichead us tri puinnd deug (593 lbs). Cha robh i ach beagan thairis air bliadhna dh’aois. Bha an sgadan gu math pailt mu chladaichean Newfoundland air an fhoghar so chaidh seachad, moran na ’s pailte na bha e an uiridh. Aig Birchy Cove, fhuair corr us deich soithichean fichead lan luchd, agus tha tuilleadh a faotainn luchd gach latha. Tha sealgair ann an siorrachd Hants, N. S., fear David Hemlow, a tha re a bheatha ’n deigh cur as do cheud us coig mathan. Tha cuid de na paipearan am barail gu’m bu choir duine rinn na h-uiread sin de chomain a chur air an duthaich, ’s gu h-araidh air na tuathanaich, a bhi air a dhuaisneachadh leis an riaghladh. Bha beagan reothaidh us sneachda againn toiseach na seachdain so, agus Di-luain bha na sleigheachan a mach; ach thainig side bhog bhlath,, gun dail, agus tha i againn fhathast. Ann an Cuebec, ’s an cearnan eile de Chanada tha moran sneachda air tuiteam, agus tha reothaidhean troma ann. Chaochail fear de shaighdearan Chanada air an turus thairis air a chuan, ceithir latha an deigh do’n t-soitheach Cuebec fhagail. B’ainm dha Delasieur, agus bhuineadh e do Ottawa. ’Se tinneas a chridhe, cuide ri tinneas fairge a thug a bhas. Bu Fhrangach e, agus mar sin tha aig Frangaich Chanada ri radh gu’m b’ ann dhe ’n cinneadh-san a cheud shaighdaer Canadach a leig sios a bheatha os leth na h-Impireachd Bhreatunnach air a thurus gu tir chein. Tha comunn Tuathanachais ann an sgireachd araidh an siorrachd Richmond, agus leugh sinn ann an aon de phaipearan na siorrachd sin, gu robh coinneamh aca o chionn ghoirid, agus nach d’ thainig an lathair de bhuill a’ chomuinn ach ceathrar. Tha sin a nochdadh aona chuid gu bheil tuathanaich na sgireachd sin gle mhi-shuimeil mu dhoighean ura ionnsachadh, neo nach eil an comunn mar bu choir dha bhi. Bu choltach comuinn de’n t-seorsa so bhi ’nan cuideachadh mor do na tuathanaich. Bhrist air Banca Ville Marie, ann am Montreal, air an t-samhradh s’a chaidh. Chaidh luchd-riaghlaidh a bhanca thoirt gu cuirt, agus an sin bha e air a dhearbhadh gu soilleir nach robh am banca comasach air a chuid ainbheich a phaigheadh o chionn aireamh bhliadhnaichean, ged a chaidh a chuis sin a chumail an cleth. Chuiridh cunntas meallta air beulaobh an ard-riaghlaidh deireadh Iun s’a chaidh; bha ainm ceann-suidhe bhanca, Uilleam Weir, ris a chunntas mheallta sin, agus air son sin a dheanamh, fhuaireadh ciontach e, agus thugadh dha da bhliadhna priosain, ach aon latha. Mur b’e cho sean ’sa tha e—77 bliadhna—bha e air a chur do’n tigh-obrach. Chailleadh mu $1,250,000 anns a bhanca; cha’n fhaigh iadsan aig an robh airgead air riabh ann ach mu dheich sentichean as an dolair. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. Tha an Nollaig ’sa Bhliadhn’ Ur gu bhi againn, agus o’n is abhaist do’n mhor chuid a bhi toirt seachad GHIBHTEAN aig an am sin, tha sinne ’deanamh deiseil air son an creic riutha. Cho luath ’sa thig ar Bathar Nollaig bheir sinn fios duibh. Bidh moran sheorsachan againn—gu ire bhig ni sam bith a dh’ iarras tu am BATHAR TIORAM, SOITHICHEAN SINA, LAMHANNAN, CUARAIN, etc. J. C. MILLS. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. [TD 182] [Vol. 8. No. 23. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 179.) eadraibh, agus gu’n toir sibh dhomhsa bhur cuid aodaich fhein a chum gu ’n seall mi do bhur n-athair e. Agus rachaibh cho fad air falbh ’s nach cluinn bhur n-athair guth no iomradh mu’r deidhinn gu brath.” Ged a bha chomhairle so gle fhad’ an aghaidh an toile, b’ eiginn daibh aontachadh gu ’n gabhadh iad i. Thug iad dha an cuid aodaich, agus roinn iad eatorra na thug esan dhaibh, dhe chuid aodaich fhein. Thug e dhaibh mar an ceudna a h-uile bonn airgid a thachair a bhith aige; agus an uair a ghabh e a chead dhiubh, thill e dhachaidh. Anns an dol seachad air an aite anns an do mharbh iad a leomhan, thum e an t-aodach a bh’ air na prionnsachan anns an fhuil, agus thug e ’aghaidh air ceanna-bhaile na rioghachd. An uair a rainig e, dh’ fheoraich Alsaman dheth an d’rinn e mar a dh’ aithneadh dha. Mar fhreagairt, thuirt Giondar ris, “Sin agaibh, le ’r cead, a righ, an t-aodach a bh’ umpa, agus tha mi ’n dochas gu’n tuig sibh o na tha sibh a’ faicinn, gu’n d’ rinn mi mar a dh’ aithn sibh dhomh. “Ciod an suidheachadh inntinn anns an robh iad an uair a bha iad a’ dol thun a’ bhais?” “Le ’r cead, a righ, bha iad gu striochte, seimh, agus umhail do riaghladh neimh, ni a tha ’nochdadh gu ’n robh iad fior dhiadhaidh. Nochd iad gu sonraichte gu ’n robh meas mor aca oirbhse, agus gu’n robh iad ro thoileach gu’n tugteadh lan umhlachd do’n aithne ’thug sibhse seachad. Thuirt iad gu’n robh iad neo-chiontach, ach nach robh iad a’ gearain oirbhse. Thug iad mathanas dhuibh le ’n uile chridhe; oir bha fhios aca nach d’ innseadh an fhirinn dhuibh mu’n deidhinn.” An uair a chual’ Alsaman na briathran a labhair Giondar ris, smaoinich e gu ’m feuchadh a an robh dad ann am pocaidean nan aodaichean a bha umpa. Chuir e an toiseach a lamh ann am pocaid an aodaich a bhuineadh do Amgiad, agus fhuair e litir fhosgailte innte. Leugh e i. Ghrad dh’ aithnich e lamh sgriobhaidh Hatalna, agus an dual dhe cuid fuilt a bha am broinn na litreach, agus ghabh e uamhas mor. Chuir e a lamh a rithist, agus e air chrith le uamhas, anns a’ phocaid aig Asad, agus an uair a fhuair e litir innte a sgriobh Badoura, ghabh e leithid a dh’ oillt ’s a dh’ uamhas ’s gu’n do ghrad thuit e ann an laigse. An uair a dhuisg e as an laigse, thuirt e ris fhein, “Athair chruaidh chridhich, ciod a rinn thu? Mhort thu do chlann neo-chiontach fhein! Nach fhaodadh an gliocas, am modh, an umhlachd, agus na deadh bheusan a bha iad aig gach am a’ taisbeanadh, a thoirt orm a thuigsinn nach robh iad ciontach? Athair dhall, gun tur! Am bheil thu airidh air a bhith na ’s fhaide beo an deigh na cionta ghraineil a chuir thu ’n gniomh? Thug mi a’ chionta ghraineil so air mo cheann fhein; agus tha peanas air tuiteam orm o neamh a chionn nach do sheachainn mi na mnathan mar a bha mi ’deanamh ann an laithean m’oige. Agus, Oh, sibhse a mhnathan graineil! Ged a tha sibh airidh air, cha doirt mise bhur fuil air son bhur peacaidhean. Cha ’n fhiach leam mo chorruich a chaitheamh oirbh. Ach gabhadh leir-sgrios greim ormsa ma chi sibh sealladh dhiom gu brath tuilleadh.” Cha do bhrist Alsaman air a’ bhoid a thug e. Dh’ ordaich e an lath’ ud an da bhanrigh a dhruideadh a stigh ann an seomraichean air leith, agus cha ’n fhaca e sealladh dhiuhh ri bheo. (Ri leantuinn.) Air Ghogaireachd! LE DONULL MACCALUM. Anns a’ bhliadhn’ anns an d’ aoidhrich an Scribbarach, Henry V., air Duthaich MhicDodo rinn a bhantrach mhor, Lady Myshrym suas “party” mhor air son an t-seilg agus bha esan ’s an aireamh. Air la araidh b’ ionadh leo nach robh e tighinn thun an trath-mhaduinn agus ’n uair a chaidh fear de na gillean-buird a dh’ fhaicinn de bha g’a chumail cha d’ eirich iad o’n bhord co thainig a stigh ach The MacDodo agus anail na uchd, a sruthadh le fuil, agus aodach na sthroicean ioma. Thug e greis na sheasadh mu’m b’urrainn e lide radh. “My dear lord, the MacDodo, what has happened to your lord-ship?” deir an lady. “Will your ladyship have the goodness to pass me a glass of brandy, so as to enable me to answer your ladyship? I am, your ladyship, ready to faint.” Nuair a dh’ ol a siod mar so dh’innis e a naigheachd—“Last night, your ladyship I got that letter,” se sineadh litir do’n bhantraich mhoir, “which your ladyship will have the goodness to read,” Mar so leugh an lady—“The Lord Mac Dodo,—The party who killed Sir Roger will be poaching at Eagle Rock to-morrow night, and as he is in league with the keepers there is no use your letting any one know. If you wish to catch him, let your lordship do so yourself. I am, your lordship’s humble servant, SOMEBODY.” “Your ladyship,” an sin deir The MacDodo, “taking the kindly warning of that letter, I went last night and found, as the letter stated, my man at the Eagle Rock; and, to make a long story short, I managed to overpower him, though with great difficulty, and I left him there with a broken shoulder bone; and bruised that he is unable to move.” Aig cluinntinn sin dh’ ordaich a bhantrach mhor gu ’n rachadh a chuideachd uile a mach gu Creig na BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00, a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Menr-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 183] [Vol. 8. No. 23. p. 7] h-Iolaire a ghlacail a “phoacher” agus ga thoirt do’n phriosan. ’Nuair a fhuair iad an ordadh thog iad orra, cuideachd mhor de “sportsmen” agus do ghillean. Air toiseach an t-seabhain bha e bhantrach mhor agus Henry V. Bha an corr a fuireach aig astar iomchuidh (respectful distance) na’n deigh. Mar so bha iad a comhradh agus iad a dol air an socair air an aghaidh. Deir an lord, the MacDodo—“Don’t your ladyship think I deserve great credit for my night’s adventure?” “My dear Lord The MacDodo, deir ise, “your lordship deserves more. Your lordship knows that I am half engaged to Captain T. Goblets; but as a new woman I assume my prerogative of proposing marriage to the man of my choice, which now, my dear lord, happnes to be your lordship’s dear self.” Sin bha air a labhairt ann an guth iosal agus iad direach a tighinn ann an sealladh an duine a dh’ fhag The MacDodo leth mharbh, agus ga fhiacinn ghlaodh a bhantrach cho ’ard ’s gu’n cual iad uil’ i,—“Oh! you scoundrel, my own dear lord.” Bithidh iongantas ort de bu chiall do’n ghlaodh sin. ’S ann ri The MacDodo bha—“Oh! you scoundrel,” agus ’s ann ris a phoacher a bha—“My own dear lord.” Mur ann aig deireadh na naigheachd so a thoisich thu an aite toiseachadh aig a toiseach bithidh iongantas ort a nis a chluinntinn gu’m b’e Captain Goblets am “poacher” a bha an a sid na shineadh leth mharbh. Agus bithidh iongantas ort ciamar a thachair a chuis a bhi mar so. Air an oidhche roimhe so fhuair an Captain litir anns an robh na dearbh fhacail, ach an t-ainm, a bha anns a litir a fhuair Henry V. agus a chual thu an “lady” a leughadh. Cha ’n fhac an Captain agus The MacDodo riamh roimhe a cheile agus cha do chuir iad teagamh anns na litrichean gus an d’fhuair iad a mach air an cosd gu’n d’ rinn “Somebody” amadain dhiu.—Highland News. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c, &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. 50 YEARS’ EXPERIENCE PATENTS TRADE MARKS DESIGNS COPYRIGHTS &C. Anyone sending a sketch and description may quickly ascertain our opinion free whether an invention is probably patentable. Communications strictly confidential. Handbook on Patents sent free. Oldest agency for securing patents. Patents taken through Munn & Co. receive special notice, without charge, in the Scientific American. A handsomely illustrated weekly. Largest circulation of any scientific journal. Terms, $3 a year; four months, $1. Sold by all newsdealers. MUNN & Co. 361 Broadway, New York Branch Office. 625 F St., Washington, D. C. [TD 184] [Vol. 8. No. 23. p. 8] Oran do Chomunn Gaidhealach Antigonish. LEIS AN URR. A. MAC-GILLEAIN SINCLAIR. LUINNEAG. Cumaibh suas, a suas, a suas i, Cumaibh suas, a suas, a suas i, Cumaibh suas, a suas, a suas i, Cumaibh suas a Ghaidhlig. Deoch slaint nan daoine furanach, Na Gaidheil rioghail urramach, Tha cruinn an nochd mar bhuineadh dhaibh; De dhuinealas gur lan iad. Bidh fuil nan seann laoch Albannach A gluasad suas gu calm annta; ’S iad fhein bhios sunndach, seanachasach, ’S gur mairg a thairgeadh tair dhaibh. Cha seall iad sios gu dimeasach Air cleachdainnean an sinnsirean; Na gaisgich throma, mhileanta, Bha ’n tir nam fraoch-bheann arda. Bidh taigeis air a bhord aca, ’Sa phiob a seinn na moralachd; ’S bidh daoine fiosrach, foghluimte, Toirt oraidean le agh dhaibh. Cha mheas iad gur a goraiche Bhith seinn nan oran boidheach sin, A chual’ iad is a dh’ fhoghluim iad Bho bheoil nan saoidh a dh’ fhag sinn. Is taitneach leo na duanagan A dh’ eisd iad bho na gruagaichibh A bhleoghnadh bo le uallachas, ’Sa luaidheadh gu cruaidh laidir. Cha b’ ionnan iad ’s na bronagan Nach urrainn biadh a chocaireachd; Mu sguabadh tha neo-fhoghluimte, ’S gun cheol annt’ ach an canran. Na fir tha’n nochd ’san talla so, Tha tur a staigh fo malaichean, ’S cha’n eisd iad ris na balaich sin, ’Ni talach air ar canain. Cha’n eisd iad ris na buraidhnean Tha ’g radh mu’n Ghaidhlig urramaich, Gur coir bhith rithe fuileachdach Is buil a thoirt gun dail aisd.’ Co e a bhiodh cho fuar-chridheach ’S gu’n sealladh e le suarachas, Air cainnt na mathair shuairce sin A thog a suas na phaisd’ e? Na cainntearan ’s neo-chearbaiche Tha ’n diugh am measg nan Gearmailteach, Tha ‘Ghaidhlig’ measail, ainmeil ac’, ’S cha mharbhadh iad gu brath i. Is cainnt tha brioghail, feumail i, A mhineachadh gu h-eifeachdach Mar sgaoil na h-Eorpaich threun-lamhach Bho cheile do gach cearna. ’S i labhradh leis na daoine sin A sheol do’n duthaich chraobhaich so. A dh’ fhaotuinn laigh is saors’ innte, ’S gun mhaoin ac’ ach an t-slainte. Na daoine calma, cruadalach, A leag a choille ghruamach dhuinn,— Bu churaidhnean ’s daoine uasal iad Nan gluasad is nan nadar. Bu daoine modhail, cuirteil iad, Bu daoine suilbhir, sunndach iad, Bu daoine fiosrach, turall iad; Bu chliu do thir nan sar iad. Cha dug iad speis do shlaightearachd, ’S cul-chaineadh bu ni oillteil leo; Bha iochd is gradh a soillseachadh Gu boillsgeanta gach la annt’. Biodh bodaich Ghalld’ gu dichiollach A seinn mu’n lathaich innleachdaich, A dh’ fhas na cuirp ’s na h-inntinnean,— Ma chinn iad-fhein o mhagain. Ach creididh sinne ’n spioradan, A labhras cainnt gu fileanta, A chluicheas ceol air innealan ’S le’m milis bhith neo-bhasmhor. Is leughaidh sinn na h-eachdraidhean Tha sgriobht’ ’sa Ghaidhlig bhlasd’ againn, Mu bhocain is mu ghlaistigean, ’S mu ghaisgeantachd ’s na blaraibh. Ri sithichean nan tulaichean Cha chuirear cul gu buileach leinn; Is iomadh Gaidheal urranta ’Fhuair cuireadh bhuap’ gu’n aros. Mu Fhionn Mac Cumhail leughaidh sinn, Mu Dhiarmad donn na geur shleagha, Mu Oisein binn nan reidh bhilean ’S gach treun mu’n d’rinneadh dan leis. A’r sealladh biodh na beadagain Tha ’n duil gur gnothach leibideach, A Ghaidhlig fhonmnhor, eagarach A theagasg d’an cuid phaisdean. Ach beannachdan air bheannachdan A chum nan daoine ceanalta Le’m miann a faicinn maireannach, Is daingean ’s gach seann laraich. A chum nan daoine leirsinneach, ’Measg Albannach ’s Eireannach A labhras i ’s a leughas i, ’S do’n Bheurla nach doir tamailt. Nov. 30, 1899. Tha parlamaid, no “Congress” nan Staidean an drasda cruinn. Tha fear Daibhidh B. Mac Eanruig air a thaghadh gu bhi na fhear-cathrach ann an tigh nan islean. Is Albannach e, a rugadh ann an Old Dear, ’sa bhliadhna 1840. Cha’n eil am Mormon, Brigam H. Roberts, aig am bheil tri mnathan, a dol a dh’ fhaotainn cead ’aite-suidhe ghabhail idir, ni a tha gle iomchuidh. Na’n leigte leis-san suidhe, cha b’urrainnear bacadh a chur air a sheorsa ’m feasda tuilleadh. Ach bheir so leasan do na Mormons; tuigidh iad, mur cum iad ri ’n cumhnantan ’s ris an lagh, nach bi sochairean an lagha air a mhealtuinn leotha. Am Feillire. DESEMBER, 1899. 1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768. 2 Di-satharna 3 DI-DONAICH I. Donaich dhe’n Teachd. 4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Monc, 1608. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542. 9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685. 10 DI-DONAICH 11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718. 12 Di-mairt 13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784 14 Dior-daoin 15 Di-haoine 16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718. 17 DI-DONAICH III. Donaich dhe’n Teachd. 18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689, 19 Di-mairt 20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836. 21 Dior-daoin 22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH IV. Donaich dhe’n Teachd. 25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870. 26 Di-mairt 27 Di-ciaduin An fheill Eoin. 28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734. 29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766 30 Di-satharna 31 DI’DONAICH MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F. A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F. An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F. Sgeul Ur. Air a’ cheud sheachdain dhe’n Bhliadhn’ Ur, bidh sgeul ur a toiseachadh anns a MHAC-TALLA,—“Domhull Dona mac na Bantraich.” Cha ruigear a leas de mholadh a dheanamh oirre ach a radh gur h-e ’s ughdar dhi ar caraid urramach “Iain,” air am bheil a mhor-chuid de ar leughadairean a cheana eolach. Tha fhios againnn gu ’n toir a leughadh mor thoileachadh agus fiosrachadh do shean us og. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Sept. 28, 1899. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Dr. G. T. MacGILLEAIN, DOTAIR FHIACAL. OIFIG:—Os cionn Stor Harrington. SIDNI, C. B The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B [TD 185] [Vol. 8. No. 24. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 22, 1899. No. 24. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLVI. COMHRADH RI DANIEL. Latha dhe na bha sin ag obair, thachair gu’n do thuit Daniel le te dhe na creagan casa a bh’ air bruaich na h-aimhne. Chaidh a ghortachadh agus a ghearradh gu h-olc, ach gu fortanach cha do bhristeadh cnaimh dheth. B’fheudar dha fuireach anns an uamhaidh fad seachdain, agus dheonaich mise gu’m fanainn comhladh ris gus a bhith frithealadh dha, agus a’ cumail cuideachd ris. Mar so bha cothrom math agam air moran comhraidh a dheanamh ris far nach biodh duine ’g ar n-eisdeachd. Fad a’ cheud cheithir latha bha e ’fulang a leithid de chradh ’s nach robh e ann an staid inntinn freagarrach gu moran comhraidh a chumail rium. Thuig mi nach b’e na bha e fulang de chradh cuirp uile gu leir a bha cur a [?]dair cho mor bhar a shuil, ach an dragh a bh’ air an inntinn aige. Bhuail e anns an inntinn aige gu’n robh am bas dluth dha, agus mar is tric a thachair a dh’ fhear dhe sheorsa, bha eagal air am bas a choinneachadh. Bha mi ’ga chumail ann am misnich cho math ’s a dh’ fhaodainn; oir bha mi cinnteach nach tugadh na bha de thinneas cuirp air am bas dha. Ach o nach robh e riamh o’n a thainig cuimhne dha ann an tinneas a thug gu laidhe na leapadh e, bha e anabarrach neo-fhoighidneach. An uair a thoisich an cradh a bha e ’fulang ri dhol gu math na bu lugha, dh’ fhas an inntinn aige gu math na bu riaraichte, agus bheothaich a mhisneach gu h-anabarrach. Thuig mi gu’n robh an t-am agam m’ inntinn a leigeadh ris dha mu dheidhinn a’ ghnothaich a bha mi ’cumail cho fad an cleith air. Mu dheireadh fhuair mi cothrom cho math ’s a dh’iarrainn air bruidhinn ris. A’ cheud latha bha e comasach air a dhol am mach as an uamhaidh, bha sinn le cheile nar suidhe air chul gaoithe ’s air aghaidh greine os cionn bruaich na h-aimhne. An uair a bha sinn greis a’ comhradh mu thimchioll caochladh nithean, thuirt mi ris, “Bha mi ’n duil o chionn iomadh latha gu’m faighinn cothrom air bruidhinn riut mu thimchioll gnothaich araidh air nach bu mhath leam fios a bhith aig duine sam bith ach sinn fhein. Agus mu’n teid mi na’s fhaide leis na tha [Dealbh] An Seanalair P. J. Joubert. Mar a bha Oom Paul Cruger na cheannard air an Transvaal, bha P. J. Joubert—roimhe so, co-dhiu—’na cheannard air an arm, a’ cur an gniomh gach innleachd a dheanadh Cruger a dheilbh. Cha ’n eil teagamh nach e Joubert am fear-cogaidh a’s iomraitiche tha ’n ceann a deas Africa. Roimh ’n chogadh, bha na Boers ag amharc suas ris mar an aon fhear a b’ urrainn an duthaich a thearnadh o na Breatunnaich; ach, o’n thoisich an cogadh, thainig an sgeul gu ’n do chuir iad a thaobh e, ’s gu bheil duin’ eile air a chur ’na aite. Cha ’n eil fios cinnteach am bheil so fior. Tha e 68 bliadhna dh’ aois, agus tha e giulan iomadh larach peilear Breatunnach agus biodag naisinneach. Ach tha e fhathast gu laidir, foghainteach, agus mar a bha e riamh, cho seolta ri Innseanach. Is e a bh’ air ceann nam Boers aig Majuba Hill, far ’n do chaill na Breatunnaich an latha agus 280 duine, agus cha do chaill esan ach a coignear. Chuir e ruaig air na Breatunnaich an deigh sin aig Laing’s Nek; agus ’se a ghlac Jamieson ’sa chuid dhaoine, ’nuair a bhrist iad a stigh air an Transvaal a bhliadhna roimhe. run orm innseadh dhut, tha mi ’n dochas gu’n geall thu dhomh nach innis thu facal dhe na their mi riut do dhuine sam bith agus nach bi gruaim no fearg ort rium fhein, no ri h-aon dhe mo chompanaich air shaillibh an fhiosrachaidh a bheir mi dhut.” Bha mi ag amharc air ann an clar an aodainn fhad ’s a bha mi bruidhinn ris, agus thug mi an aire gu’n d’thainig atharrachadh dath air a ghnuis, agus gu’n d’ thainig coltas gruaim air a’ mhallaidh aige. Agus ghabh mi car de dh’ eagal gur e freagairt nach cordadh rium a bha e gus a thoirt dhomh. Bha e tiotadh ’na thosd mar gu’m biodh e dol fo ’smaointean ciod bu choir da a radh. “Cha’n ’eil fhios agam ciod a their mi riut,” ars’ esan, “Cha b’ uilear leam fios a bhith agam ciod a tha thu ’ciallachadh mu ’n toir mi freagradh dhuit. Cha’n eil mi meas gu ’m bheil e sabhailte dhomh gealladh a thoirt dhuit gus am bi fios na’s fhearr agam c’ar son a tha thu ag iarraidh orm gun gruaim no corruich a bhith orm riut fhein no ri do chompanaich. Ged a bha seann eolas math agam ortsa, cha ’n aithne dhomh a bheag sam bith mu’n deidhinnsan.” “Cha dean na tha toil agamsa innseadh dhut cron sam bith dhutsa no do na daoine a tha ann an comunn riut; ach faodaidh tusa agus do chompanaich cron gu leor a dheanamh ormsa, agus air mo chompanaich ma thogras sibh. Ach their mi so; cha bhi aithreachas sam bith ort aig latha do bhais ma ni thu mar a tha mise ag iarraidh ort. Bu choir do gach neach a chumail ’na chuimhne gu’m bheil aige ri seasamh aghaidh ri aghaidh ris a’ bhas latha no latha eiginn. Is iomadh rud a dh’ fhaodas daoine dheanamh ann an gradaig, an uair a bhios an nadar air a bhrosnachadh a bheir aobhar aithreachais dhaibh aig am am bais. Dh’ iarr Dia math a dheanamh an aghaidh an uilc, agus tha mi lan chreidsinn gur e sin a chomhairle a bheireadh do mhathair ort, nan cuireadh tu do chomhairle rithe.” An uair a thug mi iomradh air a mhathair, thainig atharrachadh air a ghnuis. “So, so, na bi ’cumail na diomhaireachd an cleith orm na’s fhaide. Ma tha na thuirt thu rium fior, agus saoilidh mi gu ’m bheil, oir fhuair mi firinneach thu an uair a chuir mi eolas ort an toiseach, tha mi ’toirt m’ fhacail dhut nach cluinn duine gu brath facal m’a dheidhinn.” Chuir mi mo lamh ann am poc achlais na peiteig, agus thug mi aisde am bann a bh’ aige air an airgiod a chuir e anns a’ bhanca, agus shin mi dha e. Sheall e air, agus thuirt e, ann am briathran a bha ’nochdadh nach robh e idir toilichte, “C’aite an d’ fhuair thu so?” Thuirt mi ris e dheanamh foighidin agus gu’n innsinn dha an doigh air an d’ fhuair mi e. Dh’ innis mi dha facal air an fhacal mar a fhuair mi e. Agus o’n a chaidh innseadh mar tha cha ’n eil aobhar dhomh a dhol ’ga aithris an so. Dh’eisd e rium le aire ’s le foighidin fhad ’s a bha mi ag innseadh dha mar a thachair an gnothach, agus an uair a chuir mi crioch air na bha agam ri radh, thuirt e, “Tha feum agaibh nach [TD 186] [Vol. 8. No. 24. p. 2] ’eil fios aig na daoine a thainig comhladh riumsa air na dh’innis thu dhomh. Nam biodh fhios aca air, cha rachainn mionaid an urras nach tugadh iad bhur beatha dhibh ann an tiotadh. Tha cuid dhiubh anabarrach fiadhaich. Cuiridh rud gle bheag gu feirg ’s gu corruich iad. Cha b’e na thug sibh leibh dhe mo chuidsa bu mho a dheanadh de bhrosnachadh orra idir, ach na rudan eile a thug sibh leibh. Cha do dhichuimhnich iad riamh fhathast gu’n d’ oladh an deoch laidir a bh’ aca agus gun do chuireadh uisge ’na h-aite. Cha b’e call na dibhe bu mho a rainig iad, ach gu’n d’thugadh fealag asda. Dh’ fhairtlich oirnn riamh a dheanamh am mach co mheud a bh’ ann dhibh, ach bha sinn a deanamh am mach gu’n robh aireamh mhath ann dhibh, agus leis cho dana ’s a’ bha sibh a’ dol ’nar dailne, bha amhrus againn gu’n robh sibh gu math armaichte. O’n a thug sibh uainn na bh’ againn de dh’ fhudar ’s de luaidhe, cha b’ urrainn duinn a dhol ’nur deigh. Feumaidh gu’n d’ fhuair sibh greim air a’ mhaileid a bh’ agam an uair a fhuair sibh greim air a phaipear so. Agus mur faigh mi i, bidh mi gle dhiumbach dhibh; oir bha rud no dha innte nach ceannaichead or no airgiod.” An uair a dh’ innis mi dha gun robh a’ mhaileid agus gach ni a bha innte gu sabhailte againn anns an uamhaidh, bha e toilichte gu leor. Shuidhich sinn eadrainn nach tugadh fear seach fear dhinn guth no iomaradh gu brath ris na daoine aigesan mu dheidhinn na dh’ innis mi dha. Dh’ iarr e orm na daoine againn fhein a chur gu math ’nam faireachadh air eagal gu’n tuiteadh dhaibh facal a radh air an deanadh na daoine aigesan greim. Dh’ aithnich mi air nach robh earbsa sam bith ri chur ann an cuid dhiubh. Dh’innis mi dha gu’n do chuireadh na daoine againne gu math nam faireachadh roimhe sid, o’n a bha eagal oirnn gu’n deanadh iad fhein dioghaltas oirnn, nam faigheadh iad am mach mar a rinn sinn orra. Agus thuirt mi ris gu’n cuireamaid nam faireachadh fhathast iad. Thill sinn do’n uamhaidh, agus an uair a thug mi dha a’ mhaileid, dh’ fhosgail e i, agus fhuair e a h-uile rud a bhuineadh dha innte. Bha e cho toilichte ’s a chunnaic mi latha riamh e. Air eagal gu ’m faigheadh a h-aon dhe na daoine aige fios air mar a bha cuisean, thug e as a’ mhaileid a h-uile dad a bh’ innte, agus thug e ormsa a leigeadh air falbh le sruth na h-aimhne. (Ri leantuinn.) Thatar a bruidhinn air tigh-osda samhraidh a thogail air rathad nam Forks, mu cheithir mile o’n bhaile, a chosgas coig mile fichead daloir. COMHRADH NAN CNOC. PARA MOR AGUS DOMHNULL A’ BHUTH. DOMHNULL.—Failt’ ort, a Phara mhoir. Tha mi tuigsinn gu’n robh thu as a’ bhaile; cha’n e h-uile la a chuireas tu suas am breacan uaine. Co as a thug thu ’choiseachd? PARA.—Cha bu mhaith leam droch fhreagairt a thoirt ort, ach ged nach can mi, mar a thubhairt Ailean nan con e, gu’n d’ thug as mo chasan, faodaidh mi le firinn a radh, gur coma leam co as. Bha mi’n diugh ’s a’ bhaile-mhor, ’s cha b’ e baile na biatachd; cul mo laimhe ris an da latha so. D.—Shaoilinn thusa ’tha ’chomhnuidh ann an uaigneas a’ Ghlinn-duibh, gu ’m bu bheothachadh mor dhuit sgriob a thoirt air uairibh do’n bhaile-mhor a dh’ amharc an t-saoghail. P.—Ma tha ’m bhaile ud ’n a shamhladh air an t-saoghal,cha’n ioghnadh leam daoin’ a chluinntinn ag radh, ‘an saoghal bochd, mosach.’ ’S mi nach iarradh a chabhsair tioram, acrach a choiseachd ri ’m bheo. Ged dh’ fhailnichinn air an t-sraid leis a’ ghorta, cha’n eil duil agam gu ’m feoraicheadh iad, Ciod a dh’ fhairich an duine bochd? D.—An robh thu aig mod an t-Siorraim an diugh; no’n cual thu cionnas a chaidh do dh’ Iain ban agus do Chailleach an oir? P.—Cha teichd olcas. Fhuair i ’n lagh air Iain bochd, ’s cha b’e mo roghainn a bha’n uachdar. Gnothach nar, cain a chur air an duine bhochd, air son ruith de’n teangaidh a thoirt do Chaillich ghrainde; agus ’se chuid a’s miosa, ged is ann ris na cnoic a tha mi ’g a radh, nach dubhairt e focal ach an fhirinn. D.—Tha ’n fhrinn fhein air uairibh searbh; ach is math gu’m bheil lagh ann; agus nach faod esan no duin’ eile a dhroch nadur a bhruchdadh a mach a reir a mhiann, gun e dhioladh air a shon. ’Se ’n lagh fhein an gille. P.—Is minic a chuala mi Gille nan car, agus b’e sin esan; lagh na dunach do gach duine a dh’fheuchas ris. ’S e pailteachd an lagha, gorta na tire. Bha cairdeas agus deadh choimhearsnachd, tlus, seirc, agus caoimhneas, onoir agus firinn eadar duine agus duine gus an cuala sinn iomradh air na fithich chiocrach sin, na Sgriobhadairean; creachadairean gun chogais gun iochd; spuinneadairean gun naire— D.—Thoir an aire dhuit fhein, a Pharaig, cuimhnich mar dh’ eirich do dh-Iain ban; agus tha priosan ur a nis ’s a bhaile-mhor. P.—Cha’n eagal domh, tha lagh air mo thaobh, seasaidh a’ bhreug mi. Dean a mach gu’n dubhairt mi e; cha ’n eil da fhianuis agad mar bha aig Cailleach an oir. Sin agad an lagh; agus mar thubhairt mi cheana, ’s e milleadh na duthcha e. Chunnaic mi la, agus bu tearuinte do dhuine gleadhar de bhata daraich a thoirt do bhalach ’am fad an leth chinn, na buidseach a radh a nis ri Cailleach an oir. D.—Nach mor am beannachadh sin, teang’ Iain bhain, agus bata Phara mhoir a bhi fo’n lagh; agus gu’m faigh an duine a’s bochda ceartas an aghaidh an duine a’s saoibhire. P.—Air d’ athais; cha’n ’eil an lagh r’a fhaotainn a nasgadh; mur biodh an t-or aig a’ Chaillich cha chluinnte iomradh air teang’ Ian bhain. An t’aon aig am bheil an t-or gheibh e’n lagh; agus ma tha gamhlas aige ri duine bochd sam bith, cha’n ’eil aige ach a h-aon de dh’abhagan an lagh a stuigeadh ris, agus ma gheibh e as gun aileadh am fiacal a bhi ’na shail, faodaidh se e-fhein a mheas fortanach. An cluinn thu, ’Dhomhnuill, tha mis’ ag radh riut, nach robh anns na Gaidseirean bochda ach feala-dha an coimeas riu so; fhad ’s a dh’ fhanas duine o ghnothuichean mi-laghail, cha ruig e leas bonn-a-h-ochd a thoirt orra-san; ach ’s gann is urrainn duine an nis e fhein a ghiulan saor o lagh, agus tha de chuir ’s de luban ann, gu’m feumadh duine a tha ’n sas ann a’ bheag no mhor de ghnothuithean, am Maor Ruadh a bhi ’n a chois gach ceum a theid e. Mo bheannachd air an am a dh’ fhalbh ’n uair nach robh Sgriobhadair, maor-righ, no tearraid ’s an duthaich. ’S mi ’bha thall ’s a chunnaic e. D.—’S beag ’tha fhios agad ciod a tha thu ’g radh. Na’m biodh tus’ eolach air eachdraidh na tire cha labhradh tu mar sin: an uair nach robh lagh ann, ach focal an uachdarain, agus a dh’fhaodadh e le smeide na corraig leum air cheann a dheanamh air aon neach a thogradh e; agus an uair a bha ’cheatharna bhochd ’n an traillean. ’S e cothrom an lagha urram na duthcha. P.—Air do shochair a Dhomhnuill; bha thusa gu deimhinn fad ’an Glaschu, agus tha sgoil agad, agus comas labhairt; ach air a shon sin uile, feumaidh mi cur a’ d’aghaidh; cha’n e cothrom an lagha urram na duthcha; ach laghanna cothromach, agus ceartas, air am faod daoine bochda ruigheachd gun or, gun airgiod; agus ’s e so sochair a bh’ aca ’s a’ Ghaidhealtachd m’ am facas riamh Sgriobhadair no bata-smuide ’n ar measg. ’S an am sin an uair a thigeadh eadar dithis (ni a’s eigin tachairt air uairibh), rachadh iad gu h-earbsach an lathair uaislean na duthcha, na daoine tuigseach, ceanalta, a thogadh, ’s a bha ’chomhnuidh ’n am measg, a bha eolach air gnothuichibh na tire, agus a b’urrainn labhairt ruinn ’n ar cainnt fhein; bha focal nan daoine so dhuinn mar lagh, agus cha do chuir sinn riamh an ag e. Bha ’chuis air a socrachadh gun mhoille, gun chostas; bha reit’ air a deanamh ’s an am, agus cha robh tuilleadh m’a dheibhinn. Cha robh smaointeachadh aig duine sam bith, ann an cuid de ghnothuichibh, dol seachad air a’ Mhinisteir agus air an t-Seisein, agus ann an gnothuichibh eile seachad air an uachdaran; ach a nis, ma chaogas fleasgach og a shuil ri caileig, a suas a’ bhoineid chonnlaich ’s air falbh leatha gu fear-lagha, a’ deanamh a mach gealladh-posaidh ’n a aghaidh; agus tha e cho maith do’n ghille bhochd a gabhail agus dol gu lagh leatha. D.—Tha thu ’di-chuimhneachadh gu’m bheil breitheamhnan anns gach cuirt, agus nach ceadaich iad foirneart a dheanamh air daoinibh bochda. Nach ’eil thu earbsach as an t-Siorram? P.—’S mi a tha. Dh’ earbainn r’a fhocal mo chuid de ’n t-saoghal, ged nach ’eil sin mor; taing do ’n lagh air a shon. Cha ’n eagal leam nach bi ceartas ’n a bhreith; ach is rud a tha mi ’gearan gu’m bi comas aig na Sgriobhadairean daoine bochd’ a shlaodadh m’a choinneamh gun fhios c’ar son, le duine sam bith leis am miann a’ choimhearsnach bochd a sgiursadh le lagh; agus a dhiolas dhoibhsan air son a dheanamh. D.—Cia mar a dh’ fhaodas sin a nis a bhith? Cia mar a dh’fhaodainn-se cur as duit-se le lagh? P.—Innseam-sa sin duit. Thoir thus’ airgiod leat, agus rach do bhail’ araidh nach ainmich mi, agus abair ris an Sgriobhadair leam leat, Cuir Para mor gu lagh; agus ’s meallta mise mur faigh esan doigh air mis’ a thoirt ’an lathair an t-siorraim, ged nach biodh de leth-sgeul ann ach gu’n do chrath am mart maol agam a da chluas riut. Lagh ’n a shochair aig daoine bochda! tha mi ’g radh riut, ged a spionadh tu’ n cota breacain so o’n druim agam, a’ cur an ceill gu’m bu leat fhein e, mur b’urrainn domh le cruas nan dorn a chumail uait, b’ fhearr dhomh a thoirt duit, seach dol gu lagh, ni ged a bhuidhninn, a bhiodh dhomh ’n a chall. D.—Tha beagan de’n fhirinn anns na labhair thu; ach air a shon sin, tha daoine ni’s poncaile ’n an gnothuichibh no bha iad; agus bha feum aig na Gaidheil air a sin; cha’n ’eil iad comharraichte air seasamh r’ an latha. P.—Mo thruaighe, is duilich dhoibh! Ach an saoil thu an dean lagh ni’s fearr iad. Faodaidh e an deanamh gu lubach, carach, seolta, ach cha tig an la a ni e firinneach, onorach iad. Chunnaic mi latha a bha sgailc air a’ bhois, cho maith ri Bill agus urras; ach dh’ fhalbh an la sin; cha’n fhoghainn a nis ach stamp an ceann gach gnothuich. Am faic thu ’chorrag ud, a Dhomhnnill; chuir mi ri Bill i aon uair, ach ma chuir, cha chuir a rithist; b’ fhearr leam a cur air an ealaig fo’n tuaigh; is mis’ a thuig cionnas a tha na Sgriobhadairean a’ deanamh am beairteis. D.—C’ar son a tha thu ri gearan ’n an aghaidh-san; ciod e Bill, ach gealladh fo d’laimh gu’n diol thu na fiachan a tha e ’giulan air latha araidh; [TD 187] [Vol. 8. No. 24. p. 3] agus ma sheasas tu ris a sin, cha ruig thu leas puinneag chail a thoirt air an lagh. “Thig dail gu dorus,” agus bu choir dhuit-s’ an la a chuimhneachadh. P.—A chuimhneachadh! ’S mi ’bha ’g a chuimhneachadh; ma bha, b’ iad miosan a bu ghiorra dh’ fhairich mise riamh. Ach sheas mi mo latha. D.—Ma sheas, ciod an smadadh a tha agad air na Sgriobhadairean? P.—Chuir thu stad a’m’ sheanachas. Tha cuimhn’ agad sinn a bhi air Roupa Fir-na-Creige an uraidh. Co nach robh ann? bha an spreidh cho maith, an dail cho fada, ’s an t-uisge-beatha cho pailt. Chaidh riaghailtean na ceannachd a leughadh ann am Beurla; cha chuala mi aon fhocal a thuig mi ach aon ran a thug am Maor Ruadh as, “Dail bliadhn’ a dhaoin’ uaisle.” Thuit am mart maol orm fhein; agus mu fheasgar dh’iarradh orm dhol a stigh maille ri cach. “Am bheil thu math air an sgriobhadh,” ars’ am fear-lagha? “Cha’n ’eil,” arsa mise, “b’fhearr leam iomair a’ bholla a tharruing direach leas an t-seisrich, na sgriob, leth-oirleach air fad, a tharruing le peann mar bu choir dhomh; aca feuchaidh mi ris. Nach e seachd puinnd agus coig-deug a tha ’n so?” “S e sin do chuid-se dheth,” ars’ esan, “ach le cion paipeir freagarraich, b’ eigin domh Lachann Mac Fhionnlaidh a chur ’s an aon bhoinn riutsa, ach ’s e’n aon ni e,” “Cha’n ’eil teagamh nach e,” a deir mise; “ma dhiolas esan a chuid fhein, cha bhi mis’ air deireadh.” “Tha mi cinnteach as a sin.” ars’ an Sgriobhadair le ’pheann fada cul a chluaise, agus fiamh ghair’ air a ghnuis. “Thugaibh dram do Pharaig coir, agus cuiribh a stigh Lachann.” Ciod a th’ agad air, ach thainig an latha, ’s bha mise reidh air a shon. Ruigear Fear-na-Creige, agus tairgear luach a’ mhairt mhaoil: “Ruig” ars’ esan, “an Sgriobhadair aig am bheil na Billichean:” dhuin e’n dorus air mo shroin, gun fheoraich an robh beul air m’ aghaidh. Cha robh comas air. Thug mi fhein am baile mor orm, agus rainig mi mo charaid an Sgriobhadair. Bha mod an t-Siorraim gu suidhe, agus cha labhradh e focal rium gu h-anmoch. “Tha ’n sruth,” a deir mis’, “a’ tilleadh agus an latha ’dol seachad.” “Ma tha,” deir esan, “tha latha, agus sruth eile a’ tighinn.” Cha robh comas air! Dh’ fhalbh mi ’s a’ bhabhdaireachd feadh a’ bhaile, o uinneig gu h-uinneig. Fa dheireadh thachair am Maor Ruadh orm, agus dh’ innis mi dha mar bha. “Marbh’aisg air an sgadan,” ars’ esan, “’s e ’tha saillte am bliadhna: tha mi air mo chlaoidh leis a phathadh.” Thuig mi fhein mar bha a ’chuis, ’s gu’m bu luaithe deoch na sgeul. Chaidh sinn a stigh, bhuail mi fhein am bord, agus glaodhar leth-bhodach de rum dearg. Fhuair mi moran seanachais o’n Mhaor, agus gheall e dol leam ’n uair a sgaoileadh am mod. Rinn e sin; thachair an Sgriobhadair oirnn, agus ultach phaipearean aige. Lean sinn a stigh e, agus thairg mi dha luach a mhairt mhaoil. “Nach ’eil e’n sin agaibh,” arsa mise, “gun pheighinn a dhith air, Thoisich e air a chunntas. Chuir am Maor cagar a’ m’ chluais, “Faigh d’ ainm as a’ Bhill.” “Tapadh leat,” a deir mise. “Tha do chuid-se de’n t-suim an so,” a deir an Sgriobhadair; “ach c’ait’ am bheil Lachann?” “Is coma leam c’ait’ am bheil e. Biodh gach fear a’ toirt sgairbh a creagan dha fhein; thugaibh m’ ainm as a’ Bhill.” “Sin rud, a bhobaig, nach eil a’ m’ chomas a dheanamh. Tha mi ’faicinn gu’m bheil e Conjunct.” “Ma tha biodh aige, ciod e sin domhsa? Nach do dhiol mise mo chuid fein deth?” “Rinn thu sin, ach tha thu ceangailte air son cuid Lachainn cuideachd; agus mur bi thusa na esan an so an ceann seachduinn cluinnidh tu uamsa air doigh nach bi ro thaitneach.” “Cha’n ’eil comas air,” a deir mise, “Slan leibh!” Sin a nis, a Dhomhnuill, an lagh, as am bheil thu ’deanamh na h-uiread mhorchuis. D.—Ciod eile ach an lagh, agus ceartas cuideachd. P.—Cluipeireachd, a dhuine, agus cha bu cheartas. Nach dubhairt e’n lathair fhianuisean an la a chuir mi m’ ainm ris nach robh mi ’stigh ach air son mo chodach fhein. Ach ciod e am fath ’bhi gearan. Cha robh sgillinn aig Lachann bochd air an am, ach rainig sinn caraid nam feumach, Fear Acha-da-seillean, mac an deadh athar. Fhuair sinn air ar focal uaithe-san na thog am Bill, ach ma thog, ’s ann ’n a chois a bha ’n sgathadh; cunntas air a tharruing a mach le dubh agus dearg, cho boidheach ri aon suidheachadh breacain a chunnaic thu riamh, agus os ceann da phunnd Shasunnach de chostas. Sin agad a nis an lagh anns am bheil na h-uiread thlachd agad. D.—’N a dheigh sin uile cha d’rinn am fear-lagha ach a dhleasnas. Bha ’n lagh air a thaobh. P.—Bha’n rosad air a thaobh; ach co ’bu shiobhalta na e ’n la a chaidh mi ’stigh a shocrachadh ris. Is duilich leam, ars esan, mar a thachair, cha mhaith a fhuaras Lachann ort; ach ma thogras tu bheir mis’ air a h-uile sgillinn a dhioladh le coslas. “Cha’n ’eil teagamh agam, ’ille mhaith; ach rachadh Para mor a dh’iarraidh na deirc’ mu’n leigeadh e leat dol an sas ann an Lachann coir. “Gabh na fhuair thu,” a deir mise, “agus slan leat.” D.—Sin agad math an lagha; ni e thusa agus do leithid faicilleach ciod a ni sibh, gun gealladh a thoirt nach co-gheall sibh. P.—Tog dheth; na cluinneam tuilleadh mu’n chuis. Na ’n saoilinn gu’n ruigeadh mo ghuth gach cearna de ’n Ghaidhealtachd, o mhullach Beinn-Nibheis, dhirinn i moch am maireach, agus mar so labhrainn:—“Fheara, ’s a dhaolne, sibhse a tha ’g aiteachadh Tir nam Beann, nan Gleann, ’s nam Breacan, eisdidh ri Para mor oir “Is minic a thainig comhairle righ a beul an amadain.” Seachnaibh an lagh. ’Uachdarana na duthcha, seasaibh ’ur daoine, agus saoraibh iad o lamhan an luchd-lagha. Cha’n ’eil sgillinn a bheir iad uatha-san nach fairich sibhs’ a chall. A Mhinistirean an t-soisgeil, earalaichibh ur luchd-eisdeachd an aghaidh iad a dhol gu lagh, nochdaibh dhoibh a chall, agus comhairlichibh iad gu sith agus reite. A mhuinntir mo dhuthcha, eadar thuath agus cheatharna, ma thig connsachadh ’n ur measg leigibh a’ chuis gu radh dithis de dhaoine coire. Tha uaislean fhathast ’n ur measg, a sgoilteas an lagh, agus aig am bheil baigh ribh, rachaibh d’an ionnsuidh: agus sibhse a luchd-lagha, agus a Sgriobhadairean cuimhnichibh gu’m bheil bas a’ feitheamh oirbh, agus breitheamh os ur ceann d’an eigin duibh cunntas a thabhairt.”—An Teachdaire Gaidhealach. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXIII. Am feadh ’s a bha righ Eilean Ebene fo dhoilghios mor air son mar a dh’ ordaich e a dhithis mhac a chur gu bas agus iad neo-chiontach, bha iadsan air faontradh anns an fhasach, agus iad a’ seachnadh a h-uile aite anns an saoileadh iad am biodh daoine a’ gabhail comhnuidh, air eagal gu’m faiceadh neach sam bith iad. Cha robh de bhiadh aca ach luibhean is measan; agus, o nach robh na b’fhearr aca ri fhaotainn, bha iad a cadal am measg nan creagan, agus bha mar dheoch aca an t-uisge a bha ’sileadh as na speuran. Air eagal gu ’m faodadh fiadh-bheathaichean an fhasaich am marbhadh an uair a bhiodh iad ’nan cadal, bhiodh fear ma seach dhiubh ’na chaithris air an oidhche. An uair a bha iad ag imeachd fad mhios air an doigh so, rainig iad bonn beinne a bha eagalach ri faicinn, agus a bha cho cas a reir choltais ’s nach robh e comasach do dhuine sam bith a direadh. An uair a bha iad greis a’ coiseachd ri bonn na beinne so, thug iad an aire do sheorsa de fhrith-rathad a’ direadh suas ri cliathach na beinne; ach bha e cho cas cumhang ’s nach robh de mhisnich aca na bheireadh oidhirp air a dhireadh. Thug so orra gu’n deachaidh iad air an adhart a’ coiseachd ri bonn na beinne, ann an dochas gu’m faigheadh iad rathad a b’ fhasa gus direadh thun a mhullaich. An deigh dhaibh coig latha thoirt air coiseachd ri bonn na beinne, cha ’n fhaca iad aon aite anns am b’urrainn iad oidhirp a thoirt air direadh thun a mullaich, agus mar sin, smaoinich iad gu’m bu cheart cho math dhaibh tilleadh air an ais a dh’ ionnsuidh an aite as an do dh’fhalbh iad. An uair a rainig iad e, bha iad a smaointean nach ruigeadh iad a leas oidhirp a thoirt air direadh ann. An uair a bha iad greis a’ smaoineachadh air ciod bu choir dhaibh a dheanamh, chuir iad rompa gu ’n tugadh iad ionnsuidh air a’ bheinn a dhireadh. Mar a b’ airde bha iad a’ direadh na beinne, bha iad a’ smaointean gu’n robh i a’ fas na bu chaise; agus bha iad caochladh uairean a’ smaointean air tilleadh air an ais. An uair a dh’ fhasadh fear dhiubh sgith, leigeadh iad an anail le cheile. Bha iad uair is uair cho sgith le cheile ’s nach robh e an comas dhaibh a dhol air an aghart; agus an sin bha iad ’gan leigeadh fhein ’nan sineadh, agus iad an duil gu’u tugadh an sgios agus an teis am bas dhaibh. Ach an uair a dhuisgeadh iad, agus a gheibheadh iad iad-fhein na bu treise, bheireadh iad misneach dha cheile gus a dhol air aghart. Ach a dh’ aindeoin gach oidhirp a thug iad air a’ bheinn a dheireadh mu ’n do thuit an oidhche, dh’ fhairlich orra. Mu dheireadh thuirt Asad, agus e air fas cho sgith ’s nach b’urrainn e dhol na b’ fhaide, “A bhrathair, cha’n urrainn mi a dhol na’s fhaide; tha mi direach a’ dol a dh’ ionnsuidh a’ bhais.” “Leigeamaid ar n-anail cho fad ’s a thogras tu, agus biodh misneach mhath againn; cha’n ’eil ach astar goirid eadar sinn is mullach na beinne, agus bidh solus na gealaich againn,” ars’ Amgiad. Leig iad an anail car uine, agus an sin thug iad oidhirp air na bha rompa dhe’n bheinn a dhireadh. Rainig iad am mullach a cheart air eiginn, agus leig iad iad-fhein ’nan sineadh. An uair a bha iad greis mhath ’nan sineadh, dh’ eirich Amgiad, agus an uair a choisich e beagan air aghart, thug e an aire gu’n robh craobh beagan astair uaithe; choisich e far an robh i, agus chunnaic e gur e craobh phomgranat a bh’ann, agus gu’n robh measan gu leor oirre, agus thug e an aire gu ’n robh fuaran de dh’ uisge fiorghlan, fallainn aig a bonn. Ghrad ruith e air ais a dh’innseadh na deadh naigheachd so dh’ a bhrathair, agus thug e leis e far an robh a’ chraobh. An uair a dh’ ith iad na thainig riutha dhe na measan, agus a dh’ol iad beagan dhe’n uisge, thuit iad le cheile ’nan cadal. An uair a dhuisg iad ’s a’ mhadainn, thuirt Amgiad ri Asad, “Tiugainn, a bhrathair; biomaid a’ falbh. Tha mi faicinn gu’m bheil e na ’s fhasa dhuinn tearnadh leis a’ bheinn na bha e dhuinn a direadh.” Ach bha Asad cho sgith an deigh na fhuair e an latha roimhe sid a’ direadh na beinne ’s nach robh e comasach (Air a leantuinn air taobh 190.) [TD 188] [Vol. 8. No. 24. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, DESEMBER 22, 1899. Tha MAC-TALLA a’ guidhe NOLLAIG CHRIDHEIL d’a leughadairean anns gach cearna dhe’n t-saoghal ’sam bheil iad. Na’m faigheadh e a dhurachd cha bhiodh dith no deireas, no cion sonais us cridhealais air aon de chairdean. Tha sinn a nise aig deireadh na bliadhna. Tha sinn astar bliadhna na ’s fhaisge air ceann-criche ar turuis troimh an fhasach na bha sinn mu’n am so an uiridh. Cia mar a chaith sinn a’ bhliadhna? An robh sinn a’ caitheamh ar beatha gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhaidh? Mur robh, cha’n ’eil leasachadh air a’ chuis a’s fhearr na lan oidhirp a thabhairt, le comhnadh Dhe, air cul a chur ris an olc, agus leantuinn gu dluth ris an ni a tha math, air a bhliadhna tha nise dluth oirnn. Cha’n eil sgeul mhath sam bith ri innse mu’n chogadh. Fhuair Buller fhein droch thilleadh aig Tugela River a sheachdain gus an diugh, ’se feuchainn ri dhol troimh amhuinn le chuid airm. Bha na Boers am falach air taobh eile na h-aimhne, agus chum iad dearsach pheilearan air na Breatunnach cho trom ’s gu’m b’ fheudar dhaibh tilleadh, an deigh aireamh mhor dhaoine agus deich gunnachan-mora a chall. Tha so a dearbhadh gu bheil na Boers na’s laidire na bhatar an duil. Tha tuilleadh airm ri bhi air a chur a null a Breatunn gun dail, agus tha ’n Seanalair Morair Roberts gu bhi air a chur ann mar ard-cheannard; tha ’n Seanalair Kitchener ri chur a null cuideachd, agus an Seanalair Eachunn Domhnullach. Tha Canada dol a chur reiseamaid eile chuideachadh Bhreatuinn; ’se reiseamaid each a bhios ann an turus so, oir ’s ann an eachraidh a’s laige tha’n t-arm Breatunnach anns an Transvaal. Litir a Detroit. FHIR-DEASACHAIDH,—Cha ’n ’eil mi buileach cuibhteas naire bhi orm nach d’ aidich mi roimh an am so gu’n d’ fhuair mi an litir chaoimhneil Ghaidhlig a sgriobh sibh ugam, agus an duais a thug Caraid na Gailig dhomh air son nan Raidhean innte. Gidheadh, cha’n ’eil mi idir cinnteach gun choisinn mi duais; is e mo bharal nach deacha moran phaipearan a chur gus an duine choir, agus gu’m b’eiginn dha na duaisean a thabhairt d’ an fheadhainn a sgriobh. Le ’r cead, bheir mise buidheachas dha an so air son na duais, agus air son gu bheil e a reir ’ainm ’sa ghniomh na fhior Charaid na Gaidhlig. Thatar a deanamh moran bruidhne us beagan trod an so mu’n chogadh an Africa, agus gu dearbha chuir e an cogadh beag a th’ againn fein air ar lamhan an ire mhath as ar sealladh. Tha an fheadhainn aig am ’eil cairdeas no cleamhnas ris na Duitsich, agus pairt dhe na h-Eirionnaich, ag radh gur h-ann aig Breatunn a tha a choire agus gur h-e sannt an oir a thatar a’ faotainn ’am Bail Iain, a thug oirre dhol a chogadh. Tha feadhainn eile cumail a mach gur ann aig Crugair a tha a choire, agus nach ’eil ann ach bodach mosach aig am bheil cleas a’ choin nach itheadh am feur e-fhein agus nach mo a leigeadh leis an each ithe. Bidh na trodan so a’ tabhairt nam chuimhne, rud a thachair an uair a bha mi ’san sgoil. C’aite bheil a fear sin leis nach taitneach a bhi ’g innse, agus a gaireachdaich mu na rudan eibhinn a chunnaic ’sa chual’ e ’nuair bha e anns a’ sgoil? Bha da stob de bhalachanan ’sa sgoil againne; bha iad gle thric a deanamh sporsa dhuinn. B’e ainm fear dhiubh Alasdair Ruadh, mac Seonaid Ruadh; bha aghaidh mhor, chruinn air, agus bha i cho lan de bhreac an eunlaidh ’sa b’urrainn i a bhith, air chor ’s gu robh i cosmhuil ri sgiath leathain, dhonn, Shuarain. B’e ainm am fhir eile Alasdair Donn, mac Morag ni’n Uilleam. Bu choimhearsnaich iad. La de na laithean rinn Alasdair Donn casaid ris a Mhaighstir sgoil gu robh an t-Alasdair eile ag eighach ainisgin dheth. “Ciod e an ainisgin a bh’ ann?” ars a’ Maighistear. “Bha e ’g eighachd Morag ni’n Uilleam dhiom,” ars e-sa. “Ciod e bha thusa ’g eighachd dheth-sa,” ars a Mhaighistear. “Cha dubhairt mise dad ris ach Seonaid Ruadh, Bean Chaluim,” ars an gille donn. Thainig eadar na gillean la eile; chaidh Alastair Donn a rithist le casaid dh’ ionnsuidh a Mhaighistear sgoil ag radh gu’n dubhairt am fear eile ris, “Teich no cuiridh mi mo dhorn troimh do mhionach.” “An dubhairt thu sid,” ars a maighistear. Fhreagair Alastair Ruadh ’s e toiseachadh air gul,—“’Se thubhairt mise nam biodh toll ann gun curainn mo dhorn troimh an toll.” A reir feallsanachd Alastair cha bhiodh cron sam bith ann a dhorn a chur troimh an fhear eile, nam biodh toll ann. Tha moran de’n fheallsanachd a chluinnear an seo mu ’n chogadh a chearta cho faoin ’s cho beag toinisg ri feallsanachd Alastair Ruaidh ’us Alastair Dhuinn. Bidh cogadh ann an fhad ’sa bhios daoine ann. Chuir Oisean dreach aluinn air cogadh anns na Dain aige; sheinn e mu chogadh mar gu’m b’e sin aon ghnothaich a chinne-daoine air thalamh. Gidheadh, bha e ’g ionndran na sithe, mar a chi sinn far am ’eil e ag radh ris a ghrein, “Cia fhada bhios tu a dearsadh a nuas air cogadh?” Ach ’s eiginn dhomh a bhi ’sgur bhon tha an ite agam a’ fas maol, agus tha an da spoig aice air teicheadh bho cheile; cha’n ’eil rothas air mo bhiodag, air an aobhar sin cha’n urrain mi a geurachadh. Ach, cha ’n e so an uair mu dheireadh a cluinneas sibh uam. Slan leibh. Ur caraid, DONULL MAC LEOID. Tha fathunn a dol mu’n cuairt gu’n do chreiceadh a Mheinn a Tuath, a sheachdain gus an de, ri cuideachd iaruinn New Glasgow, air muillein gu leth dolair. Ma tha sin fior, cha’n eil teagamh nach bi Sidni Tuath a cheart cho soirbheachail ri Sidni, oir ’s ann aig a bhaile sin a bhios na h-obraichean iaruinn air a togail. Tha e air a radh gu bheil na sealbhadairean ura dol a dh’ fhosgladh na meinne ann an da aite eile a mach taobh Point Aconi. POSAIDHEAN. —Ann am Boston, Mass., Nobhember 14, leis an Urr. A. D, Mac Fhionghain, B. D., Ailean S. Mac Gilleain, a Strathlorne, C. B., ri Sine Chappell, a E. P. I. —Aig Jamaica Plain, Boston, Nobhember 30, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., J. Arthur Wesson, a Fall River, ri Sine Nic Ascuill, Brook Village, Mass. —Ann am Boston, Desember 8, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Padruig Hartemann, ri Julia V. Brown, le cheile a Boston. —Ann an Dorchester, Mass., Desember 14, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Eachunn J. Patterson, ri Mor Nic Amhlaidh, le cheile a Nobha Scotia. —Ann an Sidni, Desember 20, leis an Urr. I. F. Forbeis, air a chuideachadh leis an Urr. I. A. Mac Glaisean, Dr. Murchadh D. Moireastan, Dominion, ri Ceit Dhomhnullach, nighean Thormaid Dhomhnullaich, Sidni. BAIS. —Ann a Waipu, New Zealand, mu mheadhon Ogust, Niall Caimbeul, ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Dh’ fhag e ceathrar mhac agus da nighean. Chaidh e do’n duthaich sin as a Ghut-a-Tuath, an Siorrachd Victoria, air an eilean so. Chaidh e mach air an t-soitheach Gertrude. —Aig Fraser’s Mills, an siorrachd Antigonish, air a cheud latha dhe’n mhios so, chaochail Lachuinn Domhnullach, air an robh meas mor, ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois. Dh’fhag e sianar mhac agus ceathrar nighean. Tha dithis mhac dha ’nan sagairt,—an t-Urr. A. L. Domhnullach, am Broad Cove, agus an t-Urr Domhnull L. Domhnullach, ann am Brook Village. Tha fear eile dhiubh, Raonull L., anns an ard cholaiste an Cuebec. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. [TD 189] [Vol. 8. No. 24. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaochail Zach Burchell, fear de na daoine chaidh a ghoirteachadh anns a Mheinn a Tuath, an deigh moran craidh fhulang, oidhche na Sabaid s’a chaidh. B’ e so am fear a fhuair an goirteachadh bu mhioas; bha a dha chois ’sa dha laimh air am bristeadh. Tha cach a dol na’s fhearr. Bha ’san ainm toiseach a t-samhraidh gu robh Alasdair Domhnullach, “Righ a Chlondaic,” an deigh a shaoibhreas uile chall, ach cha robh sin ceart. Chaill e roinn mhath, ach theid aige fhathast air a lamh a chur air ceithir muillein dolair; cha ruigear a leas a mheas mar dhuine bochd fhad ’sa mhaireas an t-suim bheag sin ri chreideas. Chaidh fear Aonghas Mac Phaic, a mhuinntir Cheap Breatunn, a mharbhadh leis a charbad iaruinn, ann an Farmingham, mu leth cheud mile mach a Boston, air an t-seachdain romh ’n t-seachdain s’a chaidh. Chaill e an carbad air an robh e dol a ghabhail turus, agus dh’fhalbh e choiseachd air an rathad. Thainig carbad eile as a deigh gun fhios da, agus bha e air a mharbhadh. Tha taghadh Mhanitoba gun atharrachadh dreach o’n thug sinn fios roimhe. Bha taghadh anns an da shiorrachd seachdain gus an diugh, agus fhuair aon liberal agus aon chonservative a stigh, ni nach dean muthadh sam bith air neart nam pairtidhean seach mar a bha iad. Tha Mr. Greenway ag iarraidh na bhotaichean ath-chunntas anns na h-aiteachean sin anns an robh na barrachdan gle bheag; tha toil aige, mar is coir dha, a bhi lan chinnteach nach d’rinneadh mearachd sam bith anns a chunntas, mu’s leig e a dhreuchd uaithe. Tha an geamhradh cho fada so anabarrach briagha blath. Cha d’ thainig fhathast ach gann aon latha de rathad sleighe, agus ’se gle bheag reothaidh a dh’ fhairich sinn. Ged a thig beagan de shide fhuar, cha mhair i fada. Cha’n eil aig an am so gealltanas mor sam bith gu’m bi sneachda ’s deigh againn air an Nollaig, nithean nach toigh leinn a bhi as aonais mu ’n aimsir sin. Ann am Montreal, tha sia oirlich shneachda agus deagh rathad shleigheachan aca. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil an t-side air atharrachadh anns an duthaich so seach mar a bha i o shean. Faodaidh eadhon daoin’ oga a radh mu’n t-side nach eil i “mar a b’ abhaist an tus an laithean.” Air a cheud latha dhe’n mhios so bha an tarunn mu dheireadh air a cur anns a cheud earainn de’n rathad-iaruinn a thatar a togail ann an Inbhirnis. Tha an rathad a nise ullamh eadar Hastings us Port Hood, agus tha e ri bhi air a chur air adhart gus an ruig e Broad Cove. Ann an ceann a deas na siorrachd, tha e ri bhi air a cheangal an uine ghoirid ris an I. C. R. aig Port Hawkesbury. Tha an rathad ri bhi air uisneachadh ann an tomhas mor mar rathad tarruinn guail, agus cha’n eil teagamh nach dean e feum mor do’n t-siorrachd air fad, gu h-araidh do mhuinntir nan cladaichean agus do mhuinntir a chinn a tuath, a bhios air an toirt gu math na’s giorra do’n chuid eile dhe’n t-saoghal na tha iad. Bhatar a feuchainn ris an Scot Act a chur as ann an siorrachd Westmorland N. B. air a gheamhradh so, ach air latha ’n taghadh bha 236 bhot a bharrachd air son a cumail na bha air son a cur as. Tha an t-achd mar lagh anns an t-siorrachd sin o chionn fhichead bliadhna; chaidh feuchainn ri chur as ceithir uairean uaithe sin. Bha dubhar air a ghealaich oidhche Di-satharna s’a chaidh, a toiseachadh beagan romh sheachd uairean ’sa leantuinn gu fasig air aon uair deug. Bha a ghealach faisg air a bhi air a dubhadh gu h-iomlan, agus dh’ fhag sin an oidhche gu math dorcha. Cha b’urrainn an aimsir a bhi moran na b’ fhabharraiche air son dubhradh fhaicinn. Bha roinn mhath de mhi-riaghailt anns a bhaile oidhche Di-satharna ’sa chaidh—latha paidhidh—agus bha aireamh mhor de luchd daoraich air an cur dh’an phriosan; chuireadh umhladh orra sin toiseach na seachdain. Bha aig triuir no cheathrar, a thug droch laimhsachadh do mhuinntir eile, ri o dheich gu fichead dolair am fear a phaidheadh; agus tha aon fhear ri bhi air fheuchainn aig a chuirt mhoir. Chaidh oifigeach soithich-smuide a bhathadh aig an International Pier ’sa mhaduinn Di-satharna s’a chaidh, fear d’am b’ainm Hommer, a mhuinntir Norway. Choisich e mach thar cliathaich an t-soithich. Bha e air a thiodhlacadh la na Sabaid, an deigh seirbhis adhlacaidh a bhi air a cumail anns an eaglais Shasunnaich. Bha e ann an droch shlainte o chionn treis a dh’uine, agus tha cuid dhe’n bharail gu’n d’fhas e sgith dhe bheatha, ’s gu ’m b’ann dha dheoin a choisich e bhar an t-soithich; ach cha’n eil dearbhadh sam bith air sin. Ma tha gach sgeul fior, cha bhi cion bhataichean aiseig air muinntir an da Shidni air an t-samhradh s’a tighinn. Tha a chuideachd a tha ruith an aiseig cheana dol a ruith tri bataichean ura; agus tha cuideachd ann an Sidni Tuath dol a ruith da bhat’ eile. Bidh mar sin coig bataichean againn a’ frithealadh dhuinn an aite na dha a th’ againn an drasda. Cha’n eil teagamh, a bharrachd air sin, nach bi bat’-aiseig a ruith eadar am baile ’s taobh thall na h-acarsaid oir tha moran de thaighean-comhnuidh ri bhi air an togail an sin air an t-samhradh, agus feumaidh cothrom a bhi air a toirt do mhuinntir nan tighean sin tigh’nn a nall do’n bhaile. Chaidh an taghadh a bh’ann an Eilean a Phrionnsa air an t-seachdain s’a chaidh an aghaidh an riaghlaidh. Fhuair da Chonservative a stigh, A. A. Mac Gilleain ann an Queens, agus A. P. Prowse ann an Kings; ’se Liberals a bha stigh anns na h-aiteachan sin roimhe, agus tha an riaghladh mar sin air a lagachadh cho mor ’s nach urrainn daibh an dreuchd a chumail. Tha coig deug air gach taobh, agus tha aon dhiubhsan a th’ air taobh an riaghlaidh—Fred Peters—ann an Columbia Bhreatunnach. Cha ’n eil teagamh nach bi aig muinntir an Eilean ri parlamaid ur a thaghadh, oir cha’n urrainn taobh seach taobh gnothuichean na duthcha chur air adhart. B’e D. A. Mac Fhionghain, fear-lagha chruin, fear dhiubhsan a chaill an taghadh. eng>SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. Tha an Nollaig ’sa Bhliadhn’ Ur gu bhi againn, agus o’n is abhaist do’n mhor chuid a bhi toirt seachad GHIBHTEAN aig an am sin, tha sinne ’deanamh deiseil air son an creic riutha. Cho luath ’sa thig ar Bathar Nollaig bheir sinn fios duibh. Bidh moran sheorsachan againn—gu ire bhig ni sam bith a dh’ iarras tu am BATHAR TIORAM, SOITHICHEAN SINA, LAMHANNAN, CUARAIN, etc. J. C. MILLS. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. [TD 190] [Vol. 8. No. 24. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 187.) air falbh bhar mullach na beinne gu ceann tri latha. Chuir iad seachad na tri latha so mar bu tric a rinn iad o ’n a dh’fhalbh iad o’n taigh, a’ labhairt mu thimchioll gach eucoir a rinneadh orra leis an fheadhainn do ’m bu choir a h-uile ceartas a thoirt dhaibh. Ach o ’n a bha am freasdal cho fabharach dhaibh, chuir iad rompa gu ’m biodh iad cho foighidneach ’s a b’ urrainn dhaibh, ann an dochas gu ’m faigheadh iad latha no lath’ eiginn os cionn an trioblaidean. An ceann nan tri latha, agus iad an deigh an anail a leigeadh gu math, thog iad orra, agus dh’ fhalbh iad. Ged nach robh a’ bheinn cho cas air an taobh ud ’s a bha i air an taobh eile, thug iad coig latha air deanamh an astar a bha eadar iad agus an comhnard. Air a’ chomhnard so bha baile mor, agus rinn iad gairdeachas an uair a chunnaic iad e. “A bhrathair,” ars’ Amgiad, “tha mise a’ smaointean gur e an doigh a’s fhearr dhuinn a dheanamh, thusa dh’ fhuireach ann an aite sabhailte an taobh a muigh dhe’n bhaile, far am faigh mise thu, agus theid mise do’n bhaile feuch am faigh mi am mach ciod an t-ainm a th’ air, agus ciod a chanain a tha na daoine labhairt. Ciod i do bharail fhein air so? An uair a thilleas mi bheir mi leam biadh, agus bidh fhios agam ciod an duthaich anns am bheil sinn. Is docha nach bi e sabhailte dhuinn a dhol do’n bhaile le cheile.” “A bhrathair,” ars’ Asad, “tha do chomhairle araon glic agus sabhailte, agus tha mise ’cur m’ aonta ris na tha thu ’g radh. Ach ma dh’ fheumas fear dhinn a dhol do ’n bhaile, is mise a theid ann agus cha tusa. Agus feumaidh tu leigeadh dhomh a dhol ann, oir ciod a ni mise ma dh’ eireas beud sam bith dhutsa?” “Nach fhaod beud eiridh dhut fhein, a bhrathair, cho math riumsa? Air an aobhar sin tha mi ’guidhe ort gu’n leig thu leam falbh, agus gu ’m fan thu fhein ann an aite sabhailte gus an till mi?” “Cha gheill mi dhut idir,” ars’ Asad; “ma thachras beud dhomhsa, bidh de thoileachadh agam gu’m bi fios agam gu’m bheil thu fhein sabhailte.” B’ fheudar do dh’ Amgiad geilleadh mu dheireadh, agus fuireach am measg nan craobhan aig bonn na beinne; agus chaidh Asad do’n bhaile. Thug Asad leis na bh’ aca de dh’ airgiod an uair a chaidh e do ’n bhaile. Cha robh e fad a ’coiseachd air feadh a’ bhaile an uair a thachair seann duine tlachmhor ris, agus bata grinn aige ’na laimh. Bha e ann an eideadh gle ghrinn, sgiobalta, agus bha Asad a’ smaointean gu ’m bu duine e a bha ann an inbhe aird anns a’ bhaile. Agus o ’n a bha e ’smaointean nach tugadh e an car as, bhruidhinn e ris mar so: “Innis dhomh, mo thighearna, guidheam ort, an e so an rathad a dh’ ionnsuidh aite mhargaidh?” Sheall an seann duine air Asad, agus fiamh gaire air a ghnuis agus thuirt e, “A leinibh, tha fhios gur coigreach thu, ar neo cha ’n fheoraicheadh tu a’ cheisd sin dhiomsa.” “Is coigreach mi gun teagamh, mo thighearna,” ars’ Asad. “Is e do bheatha ma ta; bidh e ’na urram do ar duthaich-ne do leithid de dhuine og, dreachar a thighinn innte. Innis dhomh ciod an gnothach a tha ’g ad thoirt do dh’ aite mhargaidh.” “Mo thighearna,” ars’ Asad, “tha dluth air da mhios o ’n a dh’ fhalbh mise agus mo bhrathair as ar duthaich fhein—duthaich a tha astar mor as a so. Thainig sinn an so an diugh fhein. Tha mo bhrathair cho sgith an deigh an turuis fhad’ a bh’ againn ’s gu’n do stad e aig bonn na beinne, agus tha mise air tighinn do ’n bhaile a cheannach bidh dhomh fhin is dhasan.” “A mhic,” ars’ an seann duine, “cha b’ urrainn dut tighinn ann an am a b’ fhearr, agus air do sgath fhein s’ air sgath do bhrathar, tha mi gle thoilichte. Thug mi cuirm an diugh fhein do chuid dhe mo chairdean, agus tha moran dhe ’n bhiadh air nach do bhlas duine. Thig thusa comhladh riumsa, agus an uair a ghabhas tu na thig riut dhe ’n bhiadh, bheir thu leat an corr; agus bidh gu leor ann dhut fhein agus do d’ bhrathair gu cionn aireamh laithean. Na bi cosg do chuid airgid na ’s lugha na bhios feum sonraichte agad air rud a cheannach. Bidh feum aig luchd an fhalbha air airgiod an comhnuidh. Am feadh ’s a bhios tusa ’gabhail greim bidh, innsidh mise dhut mu dheidhinn a’ bhaile; agus cha’n ’eil duine sam bith aig am bheil fios air gnothaichean a’ bhaile cho math riumsa, oir tha mi an deigh a bhith ann an iomadh dreuchd ard agus urramach anns a’ bhaile. Is math dhut gu ’n do thachair thu riumsa; oir faodaidh mi innseadh dhut, nach e a h-uile fear aig am bheil comas cho math riumsa air cuideachadh is fiosrachadh a thoirt dhut. Faodaidh tu mise a chreidsinn an uair a their mi gu’m bheil cuid de mhuinntir a’ bhaile gle aingidh. Thig thusa comhladh riumsa, agus chi thu an dealachadh a tha eadar fior dhuine onarach, mar a tha mise, agus iadsan a tha ’cumail am mach gu’m bheil iad onarach, agus nach ’eil mar sin.” “Tha mi anabarrach fada ’n ’ur comain air son an deadh ruin anns am bheil sibh dhomh,” ars’ Asad; “tha mi ’gam earbsa fhein ribh buileach glan, agus tha mi deas gus falbh maille ribh taobh sam bith a dh’ iarras sibh orm.” (Ri leantuinn.) Tha seachd mic agus leth-cheud odha aig Pol Cruger anns a chogadh. Tha seachd fichead us ceithir odha aig Cruger uile gu leir. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Torradh Saighdelr. Cha di-chuimhnich iadsan a chunnaic torradh Shir Sheumais H. Grannd an Duneideann, an sealladh air chabhaig. Cha ’n ’eil sluagh Bhreatuinn air an toirt suas do sheallaidhean greadhnach, mar tha mhor chuid de shluagh na Roinn-Eorpa, agus is coma ged nach ’eil; ach tha meas mor againn air ar n-Armailt, agus tha gach ni a bhuineas d’ ar Saighdearan luachmhor ’n ar suilean. Agus cha ’n ann gach la a bhitheas aobhar air a leithid de ghreadhnachas ’s a bha ri fhaicinn aig torradh a Ghranndaich. Bha ’n duine e fein de theaghlach urramach, an dlu-chairdeas ri Tighearna Ghrannd, an Ceann-cinnidh; agus bha ’mheur de ’n teaghlach d’ am buineadh e a chomhnuidh laimh ris a’ bhaile. Bu shaighdeir e a choisinn mor chliu dh’ a fein, do’n fhine “thartaraich” d’am buineadh e, ’s do’n arm Bhreatunnach, air iomadh laraich fhuiltich an duthchannaibh cein, gu h-araid ’s na h-Innsibh-an-Ear, ’s an China iomallaich. Agus thugadh a nis a’ chorp do Dhuneideann gu bhi air adhlac am measg a dhaoine, ann an leaba a thagh e fein, an uair mu dheireadh a bha e ’s a’ bhaile. Their luchd-turuis nach ’eil baile ’s an Roinn-Eorpa anns am faighear sealladh air mor-chruinneachadh sluaigh Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p.c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Menr-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadhna. [TD 191] [Vol. 8. No. 24. p. 7] cho math ’s a gheibhear an Duneideann. ’S ann gun teagamh do bhrigh so a tha e, nach ’eil baile am Breatunn anns an tig an sluagh a mach, a reir an aireimh, a dh’ fhaicinn seallaidh, cho lionmhor ’s a thig iad ’s a bhaile so. Is oirdhearc an sealladh ri fhaicinn am baile air a sgeadachadh ’s an la, no air a lasadh ’s an oidhche, an uair a bhitheas an Rioghachd ri gairdeachas; ach cha ’n ’eil teagamh nach ’eil “Ard-bhaile ciar na h-Airde Tuath” na’s druightiche an uair tha e sgeadaichte an culaidh bhroin. Agus cha b’ urrainnear eadhon ’s an “Ard-bhaile chiar” latha bu fhreagarraiche fhaotainn airson broin na latha torraidh Shir Sheumais Grannd. Latha fuar, amhuidh, dorcha, gun ghrian ri fhaicinn, a nis ’s a ris fras de fhliuch-shneachd—latha ’bheireadh sealladh duaichnidh do bhaile air thalamh, ’s air nach b’ urrainn a neach a bu shunndaiche sealltainn aoibheil. Rinneadh ullachadh mor airson gach urram a chur, ’na bhas, air an laoch threun, a chuir urram cho mor air a dhuthaich ’n a bheatha. Bha mu dha mhile a dh’ astar eadar an t-aite ’s an do thogadh an giulan ’s an uaigh; agus bha miltean ’us inbhe ri ’m faicinn a’ cuairteach na slighe air gach taobh. Bho Shraid a’ Phrionnsa bha ’n sealladh greadhnach agus druighteach thar tomhais. Bha na buithean duinte. Chiteadh bratach leth-shinte ri crann an sud ’s an so a’ samh gu trom ’s a’ ghaoith. Bha gach dorus, ’s gach uinneag, ’us barra-bhalla de’n t-sraid aluinn sin air an lionadh le daoine. Bho cheann gu ceann, ’s bho thaobh gu taobh, bha ’n t-sraid leathann comhdaichte le sluagh, a bha dluthachadh ri cheile a dh’ fhosgladh slighe chumhann do na marcaichean a ghabh an ceum toisich a chum an rathad a reiteach. ’N an deigh-san bha corr ’us mile saighdeir—coisichean, marcaichean, ’us gunnacha-mora—a’ gluasad mothar, mall, ri fonn thiamhaidh an luchd-ciuil, le’n airm tiunndaidhte a’ leigeadh ris gu’n robh iad an diugh a’ dol an coinneamh namhaid air nach buadhaicheadh geiread sleagha no faobhar claidheimh. Thainig an sin an giulan air carbad a bh’ air a tharruing le seisear each—air thoiseach, buidheann de Reisimeid an t-Seanalair fein; air gach taobh dheth, seana chompanaich a sheas r’a ghualainn an iomadh cruadal ’s nach do threig an diugh e; ’n a dheigh, an laimh gille, an t-each odhar, meamnach, a bu tric a ghiulain an Triath g’a chliu, ach “Ged chuir iad srian ’us diollaid air, Cha robh a’ marcaiche ’n a glaic.” Bha Bratach Bhreatuinn a’ comhdach na ciste, ’s air a h-uachdar bha ri fhaicinn “an claidheamh gun bheairt,” an ad, ’us suaicheantas gach urram a choisinn Saighdeir treun an iomadh blar. As deigh a ghiulain thainig a Bhantrach ’s a luchd-coimheadachd, an carbadan; dlu-chairdean; Baillidhean ’us Comhairlichean a’ Bhaile, ’n an eideadh loinneireach; Uaislean ’us Mor-uaislean—air chois, ’s ’n an carbadan—le ’m bu durachd an urram a’ nochdadh le bhi leantuinn an Uasail urramaich g’a dhachaidh bhuain. Bha gunnachan a’ chaisteil ’n an canain ghruamaich fein, le ’m bilibh iaruinn a’ cur am beannachd dheireannach leis an deagh Shaighdeir d’ am b’ eigin striochdadh do Namhaid d’ am feum na h-uile geilleadh, aig meud an Neirt no airde ’m Misnich. Bu shealladh so a dhruigheadh air a chridhe bu neo-mothachaile. Latha dorcha, fuar; na miltean de dhaoine le bron air gach gnuis; ceum mall, trom an fheachd air a chabhsair; fuinn thiamhaidh an luchd-ciul; buille muchte’ an druma; ’us fuaim thorrunnach nan gunnachan-mora—gach aon a’ cur an ceill ’n a chainnt labhraich fein, gu’n do thuit Duine treun, air am bu toil leis an Rioghachd urram a chur; agus, air an laimh eile, gur e so crioch gach neach aig airde ’Mhorachd; oir “Ciod e spionnadh an laoich? Ged sgaoil e mar dhuilleach an cath, An diugh ge treun air an raon, Bheir an daol an maireach buaidh air.” Is eagalach an ni am Bas, cia air bith an doigh anns an tachair sinn ris; ach tha mi meas gu bheil sinn ro-bhuailteach gu bhi saoilsinn gu bheil an Righ an-iochdmhor air a rusgadh, ann an tomhas mor, de uamhas an uair tha e air toir an t-Saighdeir. Ann an co-cheangal ri bas an t-Saighdeir, tha ’n Inntinn ro-dheas gu bhi beachdachadh, le ni-eigin de thoileachas, air Feachd a’ dol an coinneamh an Namhaid le iolach, le toirm gaire-cath, ’s “le cruaidh bhrosnachadh nan Dan;” ’s gu bhi di-chuimhneachadh gu tur “an t-seallaidh as deigh a’ bhlair”—gach Saighdeir marbh ’us leonta a muigh, ’s gach cridhe briste aig baile. Dhomh fein, bha torradh Saighdeir riamh na shealladh druighteach ann an doigh ro-shonruichte thairis air torradh neach eile—co-dhiu a b’e ’n Saighdear diblidh air a choimheadachd le ’chompanaich do’n Chill a bha ’s an amharc; no’n Seanalair seolta, calma, a thuit ann an trein a Mhorachd, ’s a dh’ adhlaicheadh an cabhaig far an do thuit e, “Le thrusgan cogaidh mu’n cuairt air;” no co-dhiu a thainig e tearuinte roimh chunnartan ceud faiche, “’s a chriochnaich e chath ’s a reis” am measg a chairdean, ’s a chaidh a ghiulan le mor-ghreadhnachas “do’n tigh a dh’ orduicheadh do na h-uile bheo”—ni a b’e crannchur Shir Sheumais Grrannd. “Stad, Creag-Eileachaidh!” am measg gach Laoch treun a dh’ araicheadh fo d’ sgail, ’s a choisinn cliu cho buan do d’ ainm air iomadh laraich chruaidh, cha robh aon a b’ airde misneach, a bu bhlaithe cridhe, no bu chothromaiche gluasad, na ’n Saighdear ainmeil a dh’ adhlaiceadh an Duneideann. Am Feillire. DESEMBER, 1899. 1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768. 2 Di-satharna 3 DI-DONAICH I. Donaich dhe’n Teachd. 4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Mone, 1608. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542. 9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685. 10 DI-DONAICH 11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718. 12 Di-mairt 13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784 14 Dior-daoin 15 Di-haoine 16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718. 17 DI-DONAICH III. Donaich dhe’n Teachd. 18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689, 19 Di-mairt 20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836. 21 Dior-daoin 22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH IV. Donaich dhe’n Teachd. 25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870. 26 Di-mairt 27 Di-ciaduin An fheill Eoin. 28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734. 29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766 30 Di-satharna 31 DI’DONAICH MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F. A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F. An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c, &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, &c., &c. SIDNI, - - - C. B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 192] [Vol. 8. No. 24. p. 8] Oran Cumha do Mhac-ic-AIasdair. LE AILEIN DALL. ’S bochd ’sa mhaduinn ’s mi ’m dhusgadh ’S mi gun aidhir gun sugradh! S’ goirt an t-saighead a chiur mi, ’Rinn mo lot air mo chul-thaobh— Sgeul a thainig as ur oirnn Dh’ fhag mo chridhe-sa bruidhte— Bas a laoich bu mhor cliu aig na Gaidheil, Bas a laoich bu mhor cliu, etc. ’S trom ’s chan aotrom an t-eallach Bho Dhiardaoin an deigh Challuin, Creach as gaoir da thaobh Gharraidh!— Chan or, chan airgead, chan earras, Cha chrodh, cha chaoirich ’s cha ghearrain, Ged a chaillt iad as t-earrach,— Cha’n e aobhar mo ghearain, Ach an t-Alasdair Gleannach gar fagail, Ach an t-Alasdair Gleannach, etc. Mo chreach mhor ’s mo chruaidh thursa!— ’S fhada an oidhche nam dhusgadh, ’S mi nam leabaidh a tionndadh, ’S mi ri iargainn mo dhiubhail! Chruinnich sluagh as gach duthaich ’S iad gad tharruinn air ghiulan,— Chuir iad farais an uir ort; ’S truagh do chairdean as t-iunais ’S nach duisg piob na fuaim ciuil gu lath bhrach thu! Oirnne thainig gun fhios dhuinn Sgeula craiteach ar clisgidh Rinn ar fagail gun mhisneach— Ar sgiath laidir a bristeadh, Gun fear baigh a ni iochd ruinn Bho’n a chaireadh fo lichd thu— Righ nan Gaidheil sa chiste!— ’S lionar suil a bha silteach an trath sin. ’S bearna bhrist’ bho’n a dh’ fhalbh thu ’O mhor uaislean na h-Alba— Leoghain churanta, chalma Bho n tur Gharranach, ainmeil,— Le ’n gleus ghlana ’s le’n armaehd Le ’n cuach oir ’s le’n corn airgeid;— Miad gach buaidh a th’ ort dearbhta Trian cha’n urrainn luch-seanachais an aireamh. B’e sid turus a chruadail ’Thug amach air do chuairt thu— Do thoirt dhachaidh air ghuaillean! Dh’ fhag e sinne nar truaghain; Cait’ a’ facas nan cualas Cuis a tachairt bu truaighe Na t-fhuil mhorallach, uasal ’Bhith ’ga dortadh fo stuaghan an t-saile! ’S oil leam caradh nan oighean, Do chaomh bhaintighearnan oga Dha na thachair bhith d’ sheomar ’S cach gad ruigheadh air bhordabh; Do dha nighean gad phogadh,— An te bu shinne le dochas A cur seideag ad phorabh An duil gu ’n d’ thugadh i beo thu gu d’ chaileachd. ’S beag an t-ionadh a sproc-san ’S ged nach caidleadh iad socair,— Deoir a sileadh bho’n rosgabh An deigh bhith faicinn do lotaibh— Do ghnuis aluinn air a dochunn Leis a bhata dhubh thoite Dha ’m bu dan a mi-fhortan;— A’ fear a dheilbh air a stoc i, B’ fhearr nach beirt’ e bho thoiseach le ’mhathair! ’S a Mhic-ic-Alasdair euchdaich Nan trup mara ’s na steud-each, Ged tha sinne fo chreuchdan, ’S goirt leam acuinn do cheile, Do dheagh bhaintighearna bheusach Ris na dheallaich an t-eug thu ’Rinn ar sgaradh oho cheile;— ’S beag an t-ionadh ad dheigh-sa Ged nach dian i gair’ eibhinn ri ’laithean. ’S faoin a cadal air cluasaig; ’S trom a h-ionndrain-se bhuaithe, Marcaich deas nan each uaibhreach, Bu mhor gaisg’ agus cruadal A lean gach fasan bu dual dha, Leis ’m bu mhianach ri ghuallain ’Sa bhi ’ga faicinn mu’n cuairt dha Luchd nam breacanan uaine;— Bu trom snigh’ air an gruaidhean An am t-fhagail ’san uaigh air do charadh. Sann na laidhe ’n Cill-Fhianain Dh’ fhag mi biataich’ an fhiana, Lamh a b’urrainn ga dhiodhailt; Cas a shiubhal na frithe;— Bu tu sealgair na sith ’ne Le d’ chuilbheir caol direach; ’Nis bhon thainig a chrioch ort Gheobh na lan-daimh a siochain, Cadal anamoch, ’s cha dirich a namhaid. ’S lionar finne thug speis dhut Eadar Albainn ’us Eirinn, Agus bard ris na dh’ eisd thu; Bhiodh do ghinneachan reidh dhaibh; Iad a nis ann a feuchan A seinn do chumha bho’n dh’eug thu, Na co thilleadh am breig e? Dhomhsa b’aithne do bheusan, A cheann-feadhna na feasdan; Mac mna eile fo’n ghrein cha d’ thug barr ort. ’S lionar fleasgach ’s fear posda Dh’eireadh leatsa gu deonach, Dol’ an aghaidh righ Deorsa Chiunn ’s gu faiceadh iad beo thu; Do mhor chinneadh nach soradh Eadar chairdean ’s luchd-eolais Ann ad dhuchanan corach, Gleanna Garradh ’us Cnoideart;— Sann a th’ aca cuis sholais Do mhac-oighr’ Aonas Og, ’bhi ’na t-aite. Buaidh cnoic anns gach comhail Buaidh cath’ agus comhraidh Buaidh gliocais ’us eolais Buaidh sliochd agus posaidh Buaidh mic agus storais Anns an ionad an coir dhut Mar cheann-cinnidh Chlann Domhnuill— Saoghal fada ’s cian beo thu na d’ laraich. Sann an ionad an athar, Fialaidh, fiuanta, flathail, Far ’m bu greadhnach an gabhail, Bu tric uaislean ga thathaich Tighinn man cuairt as gach rathad;— Fian uaibhreach ga chaitheamh Dol’ man cuairt air na maitheamh; ’S bu cheol cluais’ agus aidhir Piob mhor bu bhinn labhairt ’Bhith gar dusgadh gach latha le failte. Sguiridh mi nis, tha mi reidh dheth Chur na faclan ri cheile O’n chaill mi caileachd mo gheire— Mar shean soitheach air deidheadh Dol’ na chlair as a cheile; No mar Oisein na Feinne Nuair a dh’ fhagadh leis fhein e,— Gach aon duin’ air mo threigsinn, Ged as iomadh lath’ eibhinn ’Thug mi ’n cuirt an fhir fheil air bharr aileis. Cuiridh sibh comain orm fhein agus air mo charaid bho ’n d’ fhuair mi e, Steaphain Chalum ’ic Lachainn, ann a Washabuckt, leis an oran so ’chur a mach anns a MHAC-TALLA. ’S mi ’ur caraid, RIDIRE NAN SPLEAGN. Sgeul Ur. Air a’ cheud sheachdain dhe’n Bhliadhn’ Ur, bidh sgeul ur a toiseachadh anns a MHAC-TALLA,—“Domhull Dona mac na Bantraich.” Cha ruigear a leas de mholadh a dheanamh oirre ach a radh gur h-e ’s ughdar dhi ar caraid urramach “Iain,” air am bheil a mhor-chuid de ar leughadairean a cheana eolach. Tha fhios againnn gu ’n toir a leughadh mor thoileachadh agus fiosrachadh do shean us og. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 193] [Vol. 8. No. 25. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 29, 1899. No. 25. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLVII. A FAGAIL AIT’ AN OIR. Mu dheireadh thainig na fir air an ais an ceann choig latha deug. Bha corr is fichead fear eile comhladh riutha. Bha cuid mhath de bhiadh ’s de dheoch ’s de dh’ aodach aca, agus dhe gach inneal a bhiodh feumail air son buinig agus nigheadh an oir. Rinn sinn uile toileachadh mor riutha an uair a rainig iad sinn. Bha sinn anabarrach eiseil a chion iomadh rud, gu h-araidh a chion aodaich laidhe agus eirigh. Thug iad leotha canabhas gu leor gus buithean a thogail. Agus o’n a bha fiodh freagarrach gu leor furasda ri fhaotainn faisg air laimh dhuinn, cha robh sinn fhada ’cur suas nam buithean. An ceann da latha an deigh dhaibh ar ruighinn, bha aiteachan comhnuidh againn cho math ’s a b’ urrainn duinn iarraidh na leithid a dh’ aite. Bha’n uamha ’na taigh-tasgaidh againn, far an robh an t-or, am biadh ’s an t-aodach, agus gach ni feumail eile air an cur seachad gu curamach. Dh’ innis na fir a thainig dhuinn gu ’n robh aireamh mhath de dhaoine eile air an rathad a’ tighinn leis gach seorsa bathair a bhiodh feumail dhuinn gus a reic ruinn. Thug so toileachadh mor dhuinn aig an am, oir bha sinn taobh air taobh ro fheumach air iomadh rud nach robh ri fhaighinn anns an fhasach ud. An uine gun bhith fada ’na dheigh sid thainig cho math ri leith cheud fear do’n aite. Ged a thug Daniel ordugh teann do na daoine a chuir e air falbh a dh’iarraidh deisealachd dhuinn, gun iad a dh’ innseadh gu’n d’ fhuaradh am mach aite ur anns an robh an t-or, a reir choltais, na bu phailte na bha e ann an aite sam bith, dh’ innis iad do chuid dhe’n companaich barrachd air na bu choir dhaibh innseadh. Cha robh eagal sam bith air a h-aon dhinn nach fhaigheadh na ceudan or gu leor anns an aite; ach o’n a bha fhios againn gu ’n tigeadh iomadh droch dhuine do ’n aite, an uair a chluinneadh iad m’a dheidhinn, cha robh iarraidh sam bith againn air am faighinn ’nar measg. Ach an uair a rainig na daoine a chuir sinn air falbh am baile anns an robh iad gus gach deisealachd a cheannach dhuinn, thachair companach riutha do ’n d’ innis iad, an uair a bha iad ag ol [Dealbh] An Seanalair Buller. Is e so an duine chuireadh a mach do Africa Deas gu bhi ’na Ard-Cheannard air an arm Bhreatunnach an aghaidh nam Boers nuair a thoisich an cogadh. Is saighdear trein e, a choisinn cliu mor dha fhein anns gach cogadh agus blar anns an robh e. Bha e eolach air na Boers ’s air an doighean cogaidh roimhe, agus tha lan-earbs’ aig Breatunn as. Rugadh e ann an Devonshire, an Sasunn, agus tha e tri fichead bliadhna dh’ aois. comhladh, ursgeulan mora mu thimchioll na bha de dh’ or ri ’fhaotainn far an robh sinne. Chaidh am beag sgeul thun a mhor sgeoil, agus ged bu ghann a bha iad a’ creidsinn na chual’ iad, rainig iad sinne, ged nach robh sinn ’g an iarraidh. Mu’n d’ thainig ceann leith bhliadhna, bha cunntas cheudan anns an aite ud. Cha b’ ann gu buinig an oir a chaidh iad uile ann. Bha cuid dhiubh cho leasg’ ’s nach b’ aill leotha lamh a chur air piocaid no air sluasaid, ged a gheibheadh iad tuarasdail cho ard ’s a b’urrainn duine reusanta sam bith iarraidh. Bha cuid dhiubh nach d’ rinn car obrach riamh. Ach neo-ar-taing nach itheadh ’s nach oladh ’s nach smocadh iad. Agus cha b’ ann air a mheirle ’s air an t-slaoightearachd dad bu mhiosa iad. Ged nach d’ rinneadh mort no marbhadh fhad ’s a bha mise anns an aite, bha aimhreit is tuasaid is spuinneadh gle chumanta. Ged a bha mise agus na daoine a bha maille rium a’ buinig barrachd dhe’n or na bha sinn a’ buinig an uair a bha sinn leinn fhein, cha robh ’dol againn air uiread a chur ma seach dheth ’s a shaoileadh duine. Bha pris anabarrach ard air gach ni air an robh sinn a’ cur feum. O’n a bha gach ni air am biodh feum againn ri fhaotainn dluth air laimh, bha sinn a’ ceannach barrachd air na ruigeamaid a leas. Cha’n fhaodamaid gun a bhith coltach ri ar companaich, gu h-araidh o’n a rinn sinn fortan math mu ’n d’ fhuaradh am mach far an robh sinn. Bha sinn dluth air da bhliadhna anns an aite ud mu’n d’ fhuair sinn cothrom air falbh as. Cha robh math dhuinn falbh leinn fhein. Cha robh fhios againn ciod an taobh air an tugamaid ar n-aghaidh. Agus ged a bhitheadh, cha bhiodh ann ach gnothach gorach dhuinn oidhirp a thoirt air falbh ’nar n-onar. Cha robh eich no armachd againn leis am b’ urrainn duinn sinn fhein a dhion o aon chunnart a dh’ fhaodadh tachairt ruinn air an t-slighe. O’n a bha chuis mar so, cha robh againn ach fuireach far an robh sinn gus am biodh Daniel deiseil gu falbh. Ach an uair a bha esan deiseil gu falbh, bha e anns a cheart shuidheachadh ruinn fhein. Dh’fheumadh e aireamh mhath dhaoine a thoirt leis ’na chuideachd. Mu dheireadh, an uair a fhuair na daoine cuid mhath dhe’n or a bhuinig, dheonaich aireamh mhath dhiubh falbh comhladh ris fhein agus ruinne. Fhuair sinn deiseil gach ni a shaoileamaid a bhiodh feumail dhuinn agus rinn sinn air son falbh. Ged a bha sinn a’ falbh, bha eagal gu leor oirnn gu’m faodadh cuid de na droch dhaoine a bha air ur-thighinn do’n aite falbh ’nar deigh, agus araon ar cuid dhe’n t-saoghal, agus ar beatha thoirt dhinn. Cha robh earbsa ri chur ann an daoine dhe’n t-seors’ ud aig am sam bith. Gus an cumail o chron a dheanamh oirnn, bhuail e anns an inntinn againn nach b’ urrainn duinn dad a b’ fhearr a dheanamh na na coraichean a bha againn air na h-aiteachan anns an robh sinn a buinig an oir fhagail aca. Air eagal gu’n tuigeadh iad an t-aobhar air son gu’n d’ thug sinn daibh an tairgse mhath ud, thuirt sinn riutha gu’m biomaid a tagradh coir air na h-aiteachan nan tachradh dhuinn tilleadh air ais, mar a bha sinn ag radh bha duil againn a dheanamh. Dh’ fhag sinn aca a h-uile inneal a bh’ againn air son buinig an oir. B’e so, mar a fhuair sinn am mach ’na dheigh sid, car cho glic ’sa rinn sinn ach ainneamh riamh. Bha sinne ’nar naoinear, agus mar an ceudna, Daniel agus na daoine a bha ’na chuideachd, anabarrach mor aig a cheile, agus chuir sinn romhainn anns a cheud dol am mach, o’n a bha duil againn tilleadh dhachaidh cho luath ’s a dheanamaid ar fortan, gu’m biomaid air ar faiceall air eagal gu’n tugamaid aobhar oilbheum do dhuine sam bith dhe na bh’ anns an aite maille ruinn. O’n a bha sinn ann an sith ’s ann an reite ris na h-uile, thuig sinn nach deanadh iad torachd oirnn air son diumbaidh co dhiubh. Agus latha no dha mu ’m robh sinn deiseil gu falbh, thuirt Tomas ruinn, gu’m bu choir dhuinn cuirm mhath a thoirt do na daoine bu mhiosa agus bu chunnartaiche a bh’ anns an aite, a chum, nam bu chomasach e, gu’n tugamaid orra nach rachadh a h-aon dhiubh air ar [TD 194] [Vol. 8. No. 25. p. 2] toir gus an t-or a thoirt uainn. Dh’ aontaich sinn uile gu’n robh a chomhairle so gle mhath, agus ghrad rinn sinn mu dheidhinn a’ chuirm fhaighinn deiseil. A bharrachd air na daoine a bha sinn a’ meas cunnartach, thug sinn cuireadh do gach aon ris an robh sinn a’ deanamh gnothaich. A dh’ aon fhacal, bha aireamh mhath dhe na bha greis comhladh ruinn anns an aite aig a’ chuirm. Faodar a bhith cinnteach nach robh moran sheorsachan bidh ri fhaighinn ’na leithid sid a dh’ aite. Agus cha robh a’ chocaireachd ach gle mheadhanach. Ach bha am paileas againn dhe’n t-seorsa bh’ ann. Bha ’n deoch laidir pailt gu leor mar an ceudna. Dh’ fhagadh riaghladh a’ ghnothaich aig Tomas, agus o’n a bha e na b’ eolaiche air nadar dhaoine na h-aon eile sam bith ’nar measg, thug e air na daoine againne agus aig Daniel, a bhith riarachadh an ruma air na daoine a bh’aig a’ chuirm. Chuir e ’nam faicill iad air eagal gu ’n gabhadh iad fhein tuilleadh ’s a’ choir dheth. Agus dh’ iarr e orra an cluas a bhith ri claisneachd feuch an cluinneadh iad an robh a h-aon sam bith ’sa champa aig an robh droch run dhuinn, no a bheireadh oidhirp air cron sam bith a dheanamh oirnn. Cha do chuir iad as moran dhe’n bhiadh, ach neo-ar-thaing nach d’ ol iad “rum-dubhailte” gu leor. Dh’ ol iad gu math tric air ar slainte-ne. Agus mu dheireadh bha cuid dhiubh a’ deanamh “ol Mhurachaidh is Fhearachair” air an ruma. Ach a dh’ aindeoin na dh’ ol iad, cha robh fear seach fear dhiubh ’na shineadh leis an daoraich. Feumaidh gu’n robh iad gu math suas leis an ol; oir shaoileadh duine gu’n cuireadh na dh’ ol iad gu leir a h-uile mac mathar dhiubh air an dallanaich. Bha cluas ri claisneachd aig Balso ris na bha e cluinntinn ’nam measg. Chual’ e an comhradh a leanas eadar dithis dhuibh an deigh do’n chuirm a bhith seachad. “Am bheil fhios agad ciod e air an robh mi ’smaointean o’n a thainig an oidhche?” “Is cinnteach gu’n robh thu ’smaointean air an olc, an rud air an robh thu gu math tric a’ smaointean a h-uile latha riamh o’n a chuir mise eolas ort an toiseach.” “Ann an aon seadh tha mi ’g aideachadh gu’m bheil an rud air an robh mi ’smaointean olc; ach feumaidh tusa ’chuimhneachadh gu’m bheil da shealladh ri ghabhail air iomadh rud. Seall thusa air so. Ciod e choir a th’ aig Albannaich is Eirionnaich is Sasunnaich air tighinn do rioghachd so, agus ar cuid oir-ne a thoirt leotha? C’arson nach do choisinn iad an lon anns an duthaich ’s an d’ rugadh iad? Nam faighinnsa gnothaichean gu m’ thoil, cha tugadh iad unnsa dhe’n or am mach air criochan na rioghachd so. Ma dh’ aontaicheas tusa leam, falbhaidh sinn ’nan deigh an ath oidhch’, agus mu’n d’ thig tri latha o’n diugh, gearraidh sinn rompa, agus coinnichidh sinn iad eadar an da bheinn. Nam biodh leith dusan duine tapaidh comhladh rium, cha bhiodh eagal orm nach cuireamaid ceud fear gu talamh. Is math is aithne dhut fhein an t-aite, agus tha fhios agad gu ’m bheil am bealach a tha eadar an da bheinn cho cumhang ’s nach teid aig da mharcaiche air a dhol troimhe taobh ri taobh ann an aite no dha dheth. Ma dh’ aontaicheas tusa falbh comhladh riumsa, gheibh mi ann an uine ghoirid deichnear, no da fhear dheug a theid gu toileach comhladh ruinn. Ciod e do bharail air a’ chuis?” “Innsidh mi sin dhut. Cha teid mo chas comhladh riut. Nan robh sinn air an rathad ’s gu’n do thachair iad ruinn, cha rachainn an urras nach rachainn ’nan dail cho toileach riut fhein. Ach tha na daoine cho iomchuidh ’s cho onarach ri daoine a thachair riamh rium. A bharrachd air sin, tha aobhar no dha eile agam air son nach ’eil mi deonach dragh sam bith a chur orra. Dh’ fhag iad againn na coraichean a bh’aca air an fhearann agus thug iad dhuinn cuirm cho math ’s a fhuair sinn o chionn fada. Cha leigeadh mo chogais leam lamh a chur annta an deigh na nochd iad dhuinn de chaoimhneas.” “Thusa ’s do chogais! Ma tha cogais agad is beag feum a rinn thu dhith o chionn iomadh latha. Na bi bruidhinn riumsa air an doigh sin idir.” “Is iomadh latha o’n a thoisich mise ris an olc, agus tha mi nis a’ faicinn nach do bhuanaich mi dad air. Tha mi’n diugh na’s falamha na bha mi riamh. Agus tha mi cur romham gu ’m feuch mi ri mi fhein a thoirt troimh ’n t-saoghal le firinn ’s le onair, agus le fallus mo ghruadhach. Ma thogras tusa, bi falbh nan deigh. Cha ’n eil teagamh nach fhaigh thu companaich a theid comhladh riut, ach cha bhi mise air fear dhiubh. Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, bheir thu an aire air do ghnothach fhein, agus leigidh tu leis na daoine an rathad fhein a ghabhail.” “Rinn mi da rud deug bu mhiosa na bhith rompa anns a’ bhealach gharbh, agus peilear a chur troimh ’n cheann aig a h-uile mac mathar dhiubh.” Ge b’e rud a chuir stad ’sa chomhradh a bha eadar na fir, stad iad de bhruidhinn, agus thug Balso e fhein as. (Ri leantuinn.) Treoraichidh aon cheum anns an olc a dh’ ionnsuidh ceum eile. Na daoine a tha comharraichte air son an aingidheachd, cha b’ann an uine ghoirid a dh’fhas iad aingidh idir. TIRITHE. SUIDEACHADH. Tha eilean beag Thrithe air a shuidheachadh ann a meadhon na h-Atlantic gun aon ni eadar e ’s America ach uisgeachan mor a Chuin-shiar. Tha e na eilean iosal na luidhe ma 56 ½ deg. N. Latitude agus 1 deg. W. Longtitude. Tha e mu thri fichead mile mo thuath air Eirin agus mu dheich mile fichead siar air Tir mor. Tha tigh-soluis Bhara mo dheich mile fichead tuath ’s a niar thuath air, tha tigh na Sgeire-moire deas air agus tigh-soluis na Du-Hirrtich mo dha fhichead mile deas ’s niar dheas air, ach ged a tha na tighean-soluis so fein cho dluth air tha daonan bataichean ga mireadh air a chladaichea. ’S an earrach s’a chaidh, chaidh bata mor a bhristeadh air creig mo cheithir mile on tigh-sholuis na Sgeir-mhor. Tha do chreagan ma chuairt air ’s gur e maraiche math a thig uair air bith dluth air. Tha daoine ag radh gu robh Tirithe aon uair fon fhairge agus gu bheil e ri dol fodha fhathast, ach tha e gle choltach gu bheil moran deth fodha nach robh beagan bhliadhnachan air ais. Tha daoine ag radh gu’n dubhairt cailleach ris an abaireadh iad a’ Chailleach Bheurr, gu’m fac i fein eorna briagha a fas a mach gu ruig an t-ait far a bheil a sgeir mhor a nis. Tha cuid eile ag radh gu robh Tir-mor a mach seachad air Tirithe agus gun d’ thainig tuil mhor air na h-aitichean a b’isle agus gun do bhris an fhairge a stigh agus gu bheil e mar sin fhathast. AN T-SID. Tha an t-sid gu math fiadhaich ’sa gheamhradh a chionn gu bheil an t-eilean cho iosal ’s nach ’eil fasga sam bith aig air taobh seach a cheile. ’San t-samhradh tha an t-sid anabarrach grinn. ’Se chionn gu bheil so mar so gu bheil sruth mor ria an abair iad an Gulf-Stream ga chumail blath. Mar a sheallas sinn air aiteanan eile a bu chor a bhi cheart cho blath air reir Latitude chi sinn cho mor ’s tha bhlas. Ach an deigh so tha e coltach gu bheil an t-side air atharrachadh seach mar a bha i o chionn beagan bhliadhnachan. Tha i nis fliuche na an t-sid a bha na seann daoine cleachte. EACHDRAIDH. Tha coltach gu robh eachdraidh mhor air Tirithe re linn na Lochannaich agus na Fianntach. Tha beagan de na duin agus do na h-obraichean a bha aca ri faicinn fhathast. Bha an da threubh so daonan a cogadh an aghaidh a cheile agus cha do stad iad riamh gus an deachaidh na Lochanaich a mharbhadh cha mhor air fad. Aig taobh a tuath an eilean tha aite ann air a bheil am machair ban anns am bheil cramhan agus claigean bhrist ra faicinn gus an la diugh. Anns a bhliadha 1878 le seisdeadh do’n ghaineamh thainig claigean no dha an uachdar, ach a nis tha e air dhol fo fheur agus cha ’n ’eil na nithean so ra faicinn cho tric. Tha e air a radh gur the o chionn gu robh cho naidheal ri cheile gu robh na Lochanaich daonnan ris na Fianntaich a chur as an aite, ach so cha deanadh na Fianntaich a cumail a mach gum b’ann leo fein a bha e. Mar a chunnaic mar a bha thug gach fear orra d’an duin, agus a milleadh cach a cheile gach coram a gheabhadh iad. Bha duin aca far a faiceadh iad a cheile le comharan. Na bitheadh a h-aon dhiu ann an cunnart chuireadh e comhara suas a sgireadh cuideachadh, agus anns a’ mhionaid bhitheadh sin aige na bitheadh e idir comasach. Mar a bhitheadh biadh a dhith orra cha robh aca ach dol a mach mar a bhitheadh coram aca agus crodh na caoraich a thoirt a stigh. Cha do mhair so fada; dh’fhas iad sgith de’n obair so agus chonaich iad a cheile s’a Mhachair Bhan. ’Sann a sin a thoisich am blar agus mu’n deachaidh crioch air bha grunnd dearg le fuil, agus i a sruthadh leis a bhruach do’n fhairge gus ma dheireadh a robh na ruidhean a bristeadh dearg air an traigh, agus tha e na fhacal gus an la diugh, “Sguab choirce gu crios ann a fuil Lochanaich.” Bha buaidh leis na Fianntaich agus stad na Lochannaich a bhi tighinn don eilean. Gu math nis faisge oirnn na sin tha eachdraidh nan Leathanach agus nan Caimbealach, ach tha mi gle chinnteach gu bheil eachdraidh air a sin mar tha nis fearr nis urrainn mise a thoirt seachad. Faodaidh dhomh innseadh mun duine mu dheireadh a chaidh a chrochadh le Lachann mor mac a Leathainn. Chaidh binn crocahidh an duine ud a thoirt a mach air son ni cho faoin ’s a leigeis fhaicinn dhuin a seorsa dhaoine a bha aig an am ud. Se Muillear a bha ann, agus ’se na rinn e cearr gun dh’ fhag e drochaid a bha e a caradh fosgailte fad na h-oidhche agus chaidh fir eile a mhireadh innte. Chaidh a muillear orduchadh a lathair agus dion cha b’urrainn e a dheanadh. Chaidh an duine bochd a chrocadh air son an ni fhaoin so agus se Baca na croicheadh a theirear ris an aite as a robh a chroich gus a la diugh. Tha e ann a machair a Chrughortein asdar beag fo thigh an oilean. ’Se am baca as airde sa Mhachaira, tha mi cinnteach gum bann air son ’s gum bitheadh e ri fhaicinn ni b’fhearr agus gu cuireadh e eagal na cridheachan. SLUAGH AGUS CAINNT, Ged a their sinn gur h-e Gaidheil a tha ann a nis air fad tha mi gle chinnteach gu bheil cuid ann a thainig a nios o na Lochannaich agus ma dh’ fhaoidte o na Spainntich oir tha e gle choltach gun deach cuid do na bataichean a bha anns an Armada a [TD 195] [Vol. 8. No. 25. p. 3] bhristeadh ann an Tirithe cho math ri aiteanan eile. Cha ’n ’eil na daoine cho laidir ’s a bha iad o chionn beagan bhliadhnachan gum bith de as cial dha, co dhiu se atharrachadh bidhidh na gu de cha’n urrainn mi a radh. Tha nithean a rinn daoine o chionn ceud bliadhna an diugh air a cunntas ainmeil ach nach robh suim sam bith dhiu aig an am, a chionn gu robh aig gach duine a cheart bhareal air fhein. Bha daoine a smaointean aig an am ud na faigheadh iad ti air son Di-donuich gu robh iad gu math dheth ach a nis cha bhi as a eugmhais a Dhonach, Luan no Shathurna. Mar a fhuair an seann chapul ban am bas air bodach mor liath a bha fantuinn ann a fear do na bailtean chaidh e mach mun deirich duine agus rinn e toll agus leis fhein chuir e do’n toll i. ’S ann mar a bha iad a faraid c’aite ’n robh i a fhuair iad a mach mar a bha. Cha ’n ’eil an diugh duine ann a dheanadh a leithid so, no ni idir faisg air. Se Ghaelic a chainnt a tha aca air fad, ged as urrainn dhaibh mar an ceudna a Bheurla a bhruidhinn. Theid mi an urras nach ’eil te ann a diugh coltach ris an te a bha deanadh fanoid air na Goill a chionn gu’m b’e “Ital” bhaca air a mhart agus Doy air a chur, Stubid ass orra fhein agus Cheese air a chaise. Tha balaich bheag ann a nis leis a bheil a Bheurla cho deas ris a Ghaelic. Faodaidh mi a radh gu bheil iad a fas nis fearr agus nis fearr on bhliadhna 1872. Faodaidh mi a radh ma dh’fhaoite mar tha fhios agaibh gu bheil mi smaointean nach eil ait eile ann as a bheil uiread mhinistearan a mach as ri Tirithe, se sin air reir a mheudachd. Tha mi gle chinnteach gu bheil aig a cheart uair cho math ri fichead ministear a mach as agus moran dhiu ainmeil. A ris tha Tiristich nan sgiobairean air bataichean cho mor ’sa tha air an t-saoghal. Agus a ris tha iad ainmeal air son am bardachd. Mar a bhitheas bàll ga chumail cha’n e orain a rinn baird mhor a bhitheas iad a seinn, ach orain air an deanadh le muinntir na duthcha. Agus anns na coimhnean se laoidhean le muinntir na duthcha a bhitheas iad a seinn. FLURAICHEAN. Tha moran fluraichean fiadhaich ann nach urrainn mi ainmeachadh, ach bheir mi oidhirp air cuid. Tha moran fiadhaich a tha nis a fas anns na garaidhean, agus tha mi smaointean nach ’eil ni eile ann cho boidheach ri garadh fhlùrs. ’Se so ainmeanan pairt dhiu: feonain, buidheag an t-samhraidh, bearnan bride, brog-na-cuthaig, lilidh, seamrag, soraichean, &c. Tha iad so air fad ach dithis a fas a mach fiadhaich. An toiseach an t-samhraidh mar a bhitheas a feur a fas gorm se feonain a cheud fhlùr a chithear, agus is minic a chithear aiteanan fad sa chithear buidhe agus ban le feonain agus le buidheag an t-samhraidh. A ris tha faileadh as fluraichean ’san t-samhradh a tha fagail na h-àille mar gu ’m bitheadh boladh air a dhortadh. Anns na beinneanan ri fasgadh na creag tha fluireachan boidheach a fas ris an abairear an gille-guirmean. Mar a shuidheas duine ri taobh creige tha faileadh aca deanadh an aite ni ’s boidhche. EOIN AGUS BEATHAICHEAN, FIADHAICH AGUS CALLTA. Tha moran eun fhiadhaich ann; tha cho math ri fichead seorsa, a bharrachd air na h-eoin challta, se sin a bharrachd air cearcan, tunnagan agus geoidh. ’Se so pairt dhiu: an uiseag, glaisean, smeorach, druide, faolunn, adharcag, naosg. As a mhaduinn thrath, mu eiridh na greine san t-samhradh, cluinnidh duine iomadh uair ceileir eoin ’sa speur as a chionn. Seallaidh e suas ach cha’n fhaic e ní ged tha an t-seinn dol air aghaidh. Ma leanas e air sealltuinn mu dheireadh chi e an t-eun a tighinn na shealladh mar gum bitheadh spileagan beag. Tha e fas ni ’s motha ’s ni ’s motha, chionn tha an t-eun a tighinn a nios, gus mu dheireadh a bheil e gu bhi aige. Tha e a sin ag aithneachadh gur h-e an uiseag a tha ann. A ris mar a bhitheas e falbh ’san oidhche, gu sonruichte ’sa gheamhradh, cluinnidh e sgriach chruaidh an drasd’ ’sa rithist. Na bitheadh a la ann chitheadh e eun dubh agus muineal geal air. Is e so eun ris an abair iad an adharcag. Tha an fhaolean air a fuathachadh gu mor a chionn gu bheil i daonnan a marbhadh eoin og. Tha i deanamh a nide ann an aite cho sabhailte ’sa gheibh i: mar a’s trice ann a sgeirean as cionn na fairge. Cha ’n ’eil beathach fiadhaich idir ann mar a h-abair mi radain agus luchaidh. Cha leig mi leas dol a dh’ innseadh a milleadh a tha iad a deanadh, oir tha fhios aig na h-uile air, a chionn cha ’n ’eil cairdeas aca ris a bheartach ni ’s mo na ris a bhochd. Tha iad ga marbhadh gach aite o faicear iad. Tha aon bheathach fiadhaich ann as a bheil beagan math, ’se sin a maigheach. Cha ’n ’eil iad ro phailt, oir tha iad ga marbhadh mar a bhitheas iad a smaointean nach fhaigh fear seilg greim orra. ’S iad so cuid do na beathaichean callta: cu, cat, mart, each. Tha an cu gu math feumail; agus cha ’n e an cat dad a’s luth feumalachd, oir mar a bitheadh e ann dheanadh rodain agus luchaich milleadh muladach. GRUNND AGUS BARR. Cha ’n ’eil ainm mor aig grunnd Thirithe, ach ged nach ’eil tha e freagairt gu math air son na nithean a tha fas ann. ’Se grunnd aotrom, fuasgailte a tha ann air fad faodaidh mi a radh, seorsa gruinnd nach dean moran feum le bliadhna thioram, agus ni ’s mo nach dean feum le i a bhi ro fhliuch. Fasaidh a grunnd lan ’sa mhionaid le uisge, agus a sin lobhaidh am barr, A ris, fasaidh e tioram ann an uine bheag, agus a sin tha am barr a searg air falbh air as us gur h-e bliadhna nach bi fuasach tioram no fliuch as fearr a fhreagaireas air. ’Se eorna, coirce mor agus beag, seagal, tunip, buntata agus cal. Cha ’n ’eil eorna a fas fuasach pailt, ach ged nach ’eil tha e deanamh fenm. Cha’n ’eil a nis uiread mine ga dheanadh dheth; tha e ga uisneachadh ni ’s motha na bhiadh bheothaichean, oir se min a bhaile-mhoir a’s motha a tha aig daoine a nis. Fasaidh gach aon do na bair ann a dh’ ainmich mi gle mhath air feadh an eilean, se sin fasaidh eorna, coirce agus seagal ann an cre ni ’s fearr, agus coirce beag agus buntata ann a gainmheach. Ged nach ’eil coille ann an Tirithe, tha bruach, cnoc agus beinn aig cead gach neach, far a faod duine a smaointeanan a leigeil a mach gun ni ag eisdeachd ris ach eoin na speuran. Cha’n ann ri bolich a tha mi mar a their mi gur h-e aite a tha ann an Tirithe cho boidheach sa b’ urrainn duine iarraidh, le feur gorm far a bheil a feonain a fas fad do shealaidh. A ris mar a bhitheas duine sgith cha ’n ’eil aige ach creag fhasgach fhaotainn agus a chul thoirt ris a ghaoith, agus eudan a thoirt ris a ghrein, gun ni cur dragh air. SEAN AGUS NUADH CHREIDIMH SAOBH-CHRABHACH AN T-SLUAIGH. Bha aon uair a bha muinntir Thirithe a creidsinn gu mor ann a nithean faoin mar a tha bodaich, taibhsearachd agus droch-comhdalaiche; ach a nis tha ionnsachadh as fearr aca, agus tha so air dol as an t-sealladh, ged a tha cuid ann fathast a creidsinn unnta. Bhitheadh uiread eagail air sean bhodach o chionn beagan bhliadhnaichean ’sa tha nis air balach sia bliadhna dh’ aois. Aig an am ud tha e coltach nach robh suim aca gum b’e Dia a bha riaghladh air talamh idir. Bha iad cho aineolach ’s gu robh iad ann an duil gum b’ urrainn sean chailleach ris an abaireadh iad buidseach barrachd cron a dheanadh dhaibh na b’ urrainn do Dhia. ’S minic an uair a chaidh te dhiu so a mharbhadh mar a bhitheadh iad neo-chiontach. Ni eile aig an robh greim mor orra b’e droch chomhdalaichean. Na faigheadh iad a mach air duine gu robh e na dhroch comhdalaiche rachadh an duine sin a sheachnadh mar a ni bu mhiosa. Ach a nis tha fhios aig daoine air ni ’s fearr, ach fhathast tha moran a creidsinn ann an taibhsearachd agus ann an droch ghuidheachan. Tha moran ann a tha creidsinn ann an taibhsearachd, agus co-dhiu a tha iad ceart no cearr cha’n urrainn mi a radh, ach ’s urrainn dhomh so innseadh. Shiubhail duine a bha fuasach tinn, agus dh’ fhalbh iad a dh’ iarraidh aodach bais. Dh’ fheoraich fear a bhuth c’arson a bha e. Chaidh innseadh dha; agus thubhairt e nach b’ ann a rachadh e air, ach air an duine so, agus e ag ainmeachadh fear eigin. Cha dubhairt iad moran aig an am; ach mar a rainig iad dhachaidh bha e na shuidhe as a leabaidh, oir cha robh e ach ann a ceangal mar a shaoil iad gun do shiubhail e. Agus ’se ris a cheart duine a thubhairt an duine air a rachadh an t-aodach ’s ann air a chaidh e, air as gu feum gu bheil ni eigin ann. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXIV. Rinn an seann duine gaire ’na inntinn an uair a thuig e gu’n d’ fhuair e greim air a’ phrionnsa. Agus mar a bha iad a coiseachd air an aghart taobh ri taobh, bha e ’labhairt ris mu chaochladh nithean, air eagal gu ’n gabhadh e amhrus ciod an seorsa duine bh’ ann. A thuilleadh air na bha de chomhradh eile eatorra, thuirt an seann duine, “Feumar aideachadh gu’n robh thu gle fhortanach an uair a thachair thu riumsa, agus nach b’ ann ri duine sam bith eile. Tha mi ’toirt buidheachais do Dhia gu’n do thachair mi riut; agus bidh fhios c’ar son an uair a ruigeas tu an taigh agam.” An uine ghoirid rainig iad an taigh aige, agus thug an seann duine a steach Asad do thalla anns an robh da fhichead seann duine eile a bha coltach ris fhein, agus a bha ’nan suidhe timchioll air teine lasarach do ’n robh iad a’ deanamh aoraidh. Ghabh am prionnsa uamhas mor an uair a chunnaic e na seann duine ud a’ deanamh aoraidh do’n teine an aite ’bhith ’deanamh aoraidh do Dhia; agus bha eagal gu leor air an uair a thuig e gu’n do mheall an seann duine e. Am feadh ’s a bha Asad ’na sheasamh, agus e lan uamhais, chuir an seana mhealltair failte air an da fhichead seann fhear liath a bha timchioll an teine, agus thuirt e riutha, “A luchd-aoraidh an teine, is e so lath’ an aigh dhuinn. C’aite am bheil Gasban? Gairmibh air.” Cha bu luaithe labhair e na briathran so na ghrad thainig duine dubh a nios a iochdar an talla. B’e so Gasban; agus an uair a chunnaic e Asad ’na sheasamh gu stolda, muladach an lathair nan seann daoine, thuig e gu math c’ar son a ghairmeadh air. Ruith e far an robh Asad, leag e e, agus ann an tiotadh cheangail e e. Cha bu luaithe cheangail e Asad na thuirt na seann duine ris, “Thoir leat sios e, agus abair ri mo dhithis nighean, Bostama agus Cabhana, gabhail (Air a leantuinn air taobh 198.) [TD 196] [Vol. 8. No. 25. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, DESEMBER 29, 1899. Tha MAC-TALLA, le uile chridhe, a’ guidhe BLIADHNA MHATH UR d’a luchd-leughaidh ’s d’a chairdean anns gach aite. ’Se dhochas agus a dhurachd dhaibh gu’m bi a bliadhn’ ur na’s sona agus na’s soirbheachaile na bliadhna chunnaic iad riamh roimhe. Litir a Ceap Nor. Tha deadh aireamh eile de’n MHAC-TALLA air tighinn gu laimh, le litir a Leodhas, te a New Zealand, agus te eile a Moosomin is beag nach tugadh gaire air damh. Tha “Mar a Rinn mi m’ Fhortan” a tighinn air adhart gu ro mhath. Air an taobh-duileig mu dheireadh tha oran do Chomunn Gaidhealach Antigonish, is math a’s fhiach pris bhliadhnail MHIC-TALLA. Miosal ’s mar dh’ fhaodas gach Gaidheal dileas a bhi air a Ghaidhlig, leughadh no seinneadh iad an t-oran so a dha no tri uairean, agus is neonach leam mur aidich gach aon diubh mar dh’ aidich duine araidh mu neach eiginn eile air son a thapachd. “Bha mios agam ort roimhe, ach tha meas mor agam ort a nis.” Cho fad ’s a labhrar Gaidhlig ’s an t-saoghal so—agus nach bi sin a dh’ ionnsuidh na crich,—tha aobhar a bhi ’creidsinn nach cuirear an t-oran air chul. Tha so ’na dheadh am de’n bhliadhna air son cur a dh’ iarraidh a MHIC-TALLA. Is iomadh lethsgeul a ghabhas cuid ’n uair a chomhairlichear dhoibh sin a dheanamh, agus so agad cuid dhiubh—“Nan robh an t-airgiod agam chuirinn ga iarraidh.” “Bu mhiann leam an tax a phaidheadh an toiseach;” “Tha e ro dhaor; seall fhein cho beag ’s a tha e’n coimeas ris a Family Herald,” &c. A nis, tha e soilleir nach bu choir do dhuine reusanta sam bith a bhi ’m beachd gu’m bu choir do MHAC-TALLA bhi uiread ris a phaipeir roimh-ainmaichte mus b’ fhiach e dolar ’s a bhliadhna. Cha ’n eil e fhathast ach an aois an leanabais, agus tha mi-dhilseachd moran dhe na Gaidheil do’n chainnt mhathaireal ag aobharachadh nach d’ thainig tuilleadh fais air cheana na thainig air. Ged nach biodh e idir uiread ’s a tha e, ’s math a b’ fhiach e gach sgillinn de’n phris. Oidhearpicheadh gach Gaidheal air a dhleasanas a dheanamh d’a thaobh, ’s theid sinn an urras gur gearr an uine gus am fas e uiread eile ’s a tha e aig an am so. Faodaidh fios a bhi aig na h-uile gur ann mar is lionmhoire luchd-gabhail is fhusa deadh phapeir a dheasachadh. Ged nach biodh aobhar sam bith eile againn air a bhi ’gabhail MHIC-TALLA ach meud a dhichioll agus a dhilseachd a chum a Ghaidhlig a chumail suas bu leor sin fhein? Bhiodh e na ni ro mhaslach do na Gaidheil nan tugadh iad aobhar dha air a radh m’ an timchioll mar tha e air aithris a thuirt ministeir Geancach a thaobh a shluaigh fhein. Bha’n sluagh a’ fas sgith de ’n mhinisteir, ’s bha dhith orra chur air falbh agus fear ur fhaotainn ’na aite. Ach coma leat co dhiu, an deigh do ’n mhinisteir a shearmoin deireannach dhoibhsan a chriochnachadh, labhair e riu ni-eiginn mar a leanas:—A nis, ’nuair thig an la deireannach, thig an t-Abstol Pol agus bheir e suas na caoraich a chruinnich e ri ’cheile am feadh a bha e ’an seirbheis a Mhaighstir air thalamh. Thig Peadar agus gach teachdaire dileas eile, agus ni iad mar an ceudna. Ach ’nuair bhios mise am sheasamh gu balbh leam fhein, agus a dh’ fheoraichear dhiom, ‘C’aite am bheil do chaoraich-sa? ’s eiginn dhomhsa aideachadh le naire, A—, cha’n eil caoraich agad; thionndaidh mo chaoraich-sa gu bhi nam mucan. Tha deadh thoiseach geamhraidh againn an so mur bhiodh gainne an t-sneachda. Thuit mu throidh o chionn cho’-la-deug, ach leagh e air falbh le uisge agus blathas a thiotadh; agus o’n tha’n talamh air reodhadh cho cruaidh, cha’n eil e furasd na rathaidean a ghabhail le uidheam-ghiulain de sheorsa sam bith. Guidheam Nollaig chridheal agus Bliadhna mhath Ur do MHAC-TALLA, d’a luchd-gabhail agus d’a luchd-leughaigh gu leir, ge be aite dhe’n t-saoghal ’s am bheil iad a’ gabhail comhnuidh. Ceap Nor, Des. 23, ’99. M. D. Am fear aig am bheil eolas, agus aig am bheil fios gu’m bheil eolas aige, tha e glic—lean e. Morair Deorsa Gordan. ’Sa an treas mhac dhe Cosmo treas diuc Ghordain a bh’ anns a’ mhorair so, a bha cho ainmeil airson nan aimhreitean a ghabh an ainmean bhuaith. Rugadh e ’sa’ bhliadhna 1750 agus nuair a bha e fhathast gle og, chaidh e staigh do’n Chabhlach Mioghail, ach dh’ fhag e i an deigh a’ chogaidh Americanaich. Fhuair e staigh do’n Pharlamaid an 1774 airson Ludgershall. Nuair a chaidh achd an ridir Deorsa Savill troimh a’ Pharlamaid an 1778 airson uiread cothrom a thoirt do mhuinntir eaglais na Roimhe ’sa bha aca dhe creidimh eile, chaidh iomadh comunn a chur air chois airson an achd a bhacadh. Air 2ra la dhe’n og mhios 1780 chaidh Morair Deorsa Gordan agus mu chiad mile dhaoine comhla ris airson ath-chuinge a thoirt do’n Pharlamaid an aghaidh an achd. Bha so na aobhar do aimhreit mhor a mhair iomadh la. agus anns na laithean sin chaidh taighean iomadh Catholaich leigeil agus priosanan a losgadh. Bha ceitnir dhiubh so ri teine comhla aig aon am, agus nuair a fhuair na priosanaich ma sgaoil chaidh iad air aghaidh le obair a’ mhilleadh comhla ris a’ chorr. Chaidh a dh’fheuchainn airson na h-aimhreit so ach fhuair e ma sgaoil a rithist. Chaidh a chur a mach bho’n eaglais le ard easbuig Chanterbury an 1786 bho nach tigeadh e suas mar fhianuis ’sa chuirt, agus chaidh a chur an greim a rithist an 1787 airson da phaipear a sgriobh e. Chaidh a dhiteadh agus a chur do’n phriosan airson coig bliadhna, ach bha a laithean deireannach air an cur seachad anns a’ phriosan Newgate bho nach b’urrainn e faotainn urras feumail airson a leigeil ma sgaoil. Shihbhail e fad la dhe’n mhios Samhuinn, 1793. Bu choir do chairdean a bhith dileas dha cheile aig gach am. An neach nach ’eil ’na charaid dhuinn aig gach am, cha ’n ’eil e ’na charaid dhuinn aig am sam bith. An neach a tha ’na fhior charaid dhuinn, cronaichidh e sinn an uair a theid sinn cearr. Is math an sgathan suil caraid. An uair a chi ar fior charaid ar lochdan cronaichidh e sinn ann an clar an aodainn; ach an caraid neo-dhileas, is tric leis ar moladh an clar an aodainn, agus ar dimoladh air chul ar cinn. Tha da sheorsa eolais ann—eolas cinn agus eolas cridhe. Faodaidh eolais cinn a bhith far nach ’eil eolas cridhe, agns faodaidh eolas cridhe a bhith far nach ’eil eolas cinn. Agus faodaidh eolas cinn agus eolas cridhe a bhith anns an aon duine. Ged a tha ’n da sheorsa eolais so ro fheumail do gach neach, is eolas cridhe a’s feumaile; oir is e a’s spioradaile, agus air air an aobhar sin, a’s fhaide a mhaireas. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. Am fear a tha aineolach, agus aig nach ’eil fios gu’m bheil e aineolach, is amadan a th’ann—seachainn e. Am fear a tha aineolach, agus aig am bheil fios gu’m bheil e aineolach, tha e aon-fhillte—teagaisg e. Am fear aig am bheil eolas, agus aig nach ’eil fios gu’m bheil eolas aige, tha e ’na chadal—duisg e. [TD 197] [Vol. 8. No. 25. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bidh a h-uile duine glic an geall air eolas fhaotainn. Tha fhios aige gu’m bheil aineolas mor gu nadarra an co-cheangal ris. Chaill fear de’n luchd-obrech aig an obair-iaruinn $53 aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaill fear eile, Alasdair Caimbeul, a mhuinn, tir Hogamah, cot-uachdair ur an oidhche cheudna. Tha’n t-amhrus air fear Louis Countant a mhuinntir Chuebec, a chaidh ionndrain a cheart mhaduinn a chaidh an t-airgiod ’s an cot’ ionndrain. Cha do chuireadh blar ann an cogadh an Transvaal o’n fhuair Buller an tilleadh aig an amhuinn Tugela, ach tha an da arm a losgadh air a cheile gach latha. Tha sgeul a thainig air an t-seachdain so ag innse gu bheil Ladysmith sabhailte gu leor, agus nach eil mor churam gu’n teid aig na Boers air a thoirt a mach mus ruig cuideachadh e. Cha robh aig daoine ach fior droch shide leis an Nollaig am bliadhna. Bha feasgar Di-satharna gu math fuar, ach air feadh na h-oidhche thionndaidh i gu sneachda ’s gu uisge agus an ath latha bha side gle shliubach ann. Bha aireamh gle bheag anns na h-eaglaisean an latha sin; cho beag ’s gu robh iad air an cunntas anns gach aon. Chaidh dithis dhaoine bhualadh leis a charbad iaruinn eadar Glace Bay us Port Morien feasgar Di-luain. Bha iad air a bhi ag obair air an rathad, agus a tilleadh dhachaidh air speedy; bha am feasgar gle cheothar agus chan fhac’ iad an carbad a tighinn gus an robh e gu bhi aca. Leum fear dhiubh bhar an speedy, agus cha d’ rinneadh goirteachadh sam bith air; bha am fear eile, Alasdair Mac Gill-fhaollain, air a ghoirteadh gu dona. Thatar aig an am so, anns gach cearna de Chanada, a’ gabhail ainmean dhaoine tha deonach a dhol a mach a dh’ Africa a chogadh. Tha aireamh mhor a deanamh deiseil air son falbh. Tha ughdarras air a thoirt do Mhaidsear Crowe ’sa bhaile so, aireamh dhaoine mhuinntir Cheap Breatunn a ghabhail air son na reiseamaid a tha ri bhi air a cur a mach, agus cha’n eil teagamh nach gabh moran an cothrom sin air an dilseachd d’ an duthaich ’s d’ am ban-righ a nochdadh. Tha ceathrar air an gabhail a stigh an so cheana. Chaidh duin’ og d’ am b’ ainm Harry Lewis a bhathadh aig ceadha ’n rathaid-iaruinn an Sidni Tuath maduinn na Sabaid s’a chaidh. Bha e fhein us fear eile ag ol cuideachd oidhche Shatharna, agus beagan mu ’n deach e bhar a cheadha, chunnacas iad le cheile, ’s an daorach orra. Eadar aon us da uair maduinn na Sabaid, choisich iad sios an ceadha, agus thuit Lewis thairis. Mu’n do thuig a chompanach ciod a thachair, ’s mu’n dug e fios do dhaoin’ eile, bha esan air a bhathadh. Fhuaireadh a chorp anns an uisge maduinn Di-luain, ’s aodann air a ghearradh gu dona; cha’n eil teagamh nach ann a tuiteam bhar a cheadha rinneadh sin. Bha e air a thiodhlacadh Di-mairt. Bha e posda, agus dh’ fhag e bantrach, agus aon mhac og. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Domhnull Moireastan, Meinn Lorway. M. L. Mac Neill, Cobh an Fheoir Ruairidh Mac Coinnich, Eilean Xmas Ruairidh Mac Neill, Bridgeport Neill Mac Gilleain, (Eildear) Roseburn M.A.D. NicGill-fhaollain, Braigh Mhargaree Domhnull A. Gillios, Mabou Bheag A. D. Domhnullach, Mabou Bheag Ailein Mac Isaic, Meinn Bhroad Cove Steaphain Mac Neill, Cobh a Bheabheir Aonghas Mac Cuthais, Seana Bhridgeport Eos. C. MacFhionghain, Seana Bhridgeport Iain Moireastan, an Gut a Deas Calum Bryden, an Baigh an Ear Domhnull Mac Amhlaidh, Meinn Reserve Domhnull A. Mac Neill, Meinn Reserve Gilleasbuig Beutan, Taobh Deas Boulardarie D. I. Mac Isaic, Edwardsville Aonghas I. Mac Neill, Rudha Ghilliosa L. I. Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie Deas Seumas Mac Leoid, Brook Village Bean Neill Mhic Leoid, Jubilee D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I. A. D. Mac Leoid, Baile-Shearlot, E. P. I. Ruairidh Mac Rath, Little Sands E. P. I. Murchadh Mac Gilleain, High Bank, E. P. I. An t-Urr R. Mac Gilleain, Valleyfield, E. P. I. D. Mac Griogair, Amhuinn a Deas, N. S. Aonghas D. Mac Isaic, Lakedale, N. S. An t-Urr L.J. Domhnullach, Antigonish, N. S. Bean A. Mhic-a-bhiocair Teeswater, Ont. Alasdair Friseal, Dhunbheagain, Ont. Calum Deora, Dhunbheagain, Ont. D. Mac ’Ille-mhaoil, Dhunbheagain, Ont. Aonghas Mac-a-Ghobha, Wlarton, Ont. Ruairidh Young, Sarnia, Ont. D. C. Domhnullach, Regina, Assa S. N. Mac Fhionghain, Moosomin, Assa Tormad Mac Ille-mhaoil, Vancouver, B. C. A. M. Domhnullach, Vancouver, B. C. D. Mac Cuthaig Abbotsford, B. C. Iain Caimbeal, Steornabhagh, Leodhas, Aonghas MacGill-fhinnein, Boston, Mass. D. O’ Handley, New York Iain I Mac Ille-mhicheil, Hardwlck, Vt Bean Ian Mhic Dhiarmaid, Stirling. A. D. Mac Dhiarmaid, Stirling. Padruig Moireastan, Sidni. Iain Walker, Loch Ainslie ’n Iar. Nithean Nuadh agus Sean. Is ann an uair a tha daoine og is fhusa an teagasg na ’n uair a tha iad sean. Tha so cho fior a thaobh eolais spioradail ’s a tha e ’thaobh eolais aimsireil. An car a bhios ’s an t-seana mhaide, is deacair a thoirt as. Ma tha toil aig parantan an clann a chumail o bhith ’g ionnsachadh an uilc am muigh air na sraidean agus air na cnuic, leigeadh iad leotha bhith ’cluich mu ’n cuairt an teine. Ged nach ’eil na h-uile ’g a thoirt fa near, tha e cheart cho nadarra do’n chloinn oig a bhith cluich ’sa tha e do na h-uain oga ’bhith ruith ’s a leumnaich air na cnuic. Ma bhithear a’ faotainn coire do dhaoine gun fhios gun tamh, bheirear uapa am misneach buileach glan. Tha tuilleadh ’s a’ choir de chronachadh cho dona ri tuilleadh ’s a’a choir de mholadh. An uair a thoisicheas tu ri cur peacaidh an gniomh cha bhi e furasda dhut sgur dheth. Bidh do staid coltach ri cloich a leigeas tu sios le bruthach; cha ’n urrainn dut stad leitheach rathaid, agus bidh tu a’ sior ruith na’s braise a h-uile ceum mar a theid thu air aghart. A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle THA AGAINNE Cotaichean agus Colairean Bein, Tha toil againn an Creic, Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dduibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean. J. C. MILLS. Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. [TD 198] [Vol. 8. No. 25. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 195.) air gu math a h-uile latha le cuip, agus aran is uisge a thoirt dha moch is anamoch gus a chumail beo gus an falbh an ath long gu ruige am muir gorm agus a’ bheinn theine. Bheirear suas mar iobairt thaitnich e do’n dia do ’m bheil sinn a’ deanamh aoraidh.” Cho luath ’s a thug an seann duine an t-ordugh bruideil so seachad, thug Gabsan leis Asad as an talla, agus thug e sios e air fichead ceum stadhreach do sheomar dubh, dorcha a bha fo’n talamh. Agus dh’fhag e ceangailte air chasan e ann an geimhlean troma. An sin chaidh e far an robh dithis nighean an t-seann duine, agus dh’ innis e an t-ordugh a thug an athair dhaibh. Ach chuir an athair roimhe sid fios air a dhithis nighean, agus thuirt e riutha, “A nigheanan, rachaibh sios, agus gabhaibh air a’ Mhahomedanach; na caomhnaibh e; cha ’n urrainn duibh bhur n-eud air son aoradh an teine a nochdadh air dhoigh a’s fhearr.” Bha Bostama agus Cabhana o’n oige air an teagaisg fuath a thoirt do na Mahomedanaich, agus ghabh iad gu toileach a’ chomhairle a thug an athair orra. Ghabh iad sios do ’n phriosan dhorcha anns an robh Asad, thug iad dheth an t-aodach, agus ghabh iad dha gu h-an-iochdmhor gus an do leig iad ’fhuil gu talamh, agus an d’ fhag iad leith mharbh e. Agus an deigh dhaibh an droch dhiol ud a dheanamh air, chuir iad aran is uisge ri ’thaobh, agus dh’ fhag iad an sid e. Bha Asad uine mhor na shineadh air urlar a’ phriosain mu’n d’ thainig a thur fhein uige. An uair a thainig beagan dhe mhothachadh uige, thoisich e ri gul ’s ri caoidh. Cha robh de chomhfhurtachd aige ach gu’n robh a bhrathair saor o’n trioblaid anns an robh e fhein. Bha Amgiad a’ gabhail fadachd gu leor nach robh a bhrathair a tilleadh as a’ bhaile. An nair a bha e ceithir uairean ’s a mhaduinn, agus nach do thill Asad, bha e an impis a dhol as a chiall. Chuir e seachad an oidhche anns an t-suidheachadh thruagh ud; agus cho luath ’s a shoilleirich an latha, chaidh e do’n bhaile. Agus bha ioghnadh gu leor air an uair a thuig e nach robh ach fior chora Mhahomedanach anns a’ bhaile. Chuir e failte air a’ cheud fhear dhiubh a thachair ris, agus dh’ fheoraich e dheth ciod a b’ ainm do’n bhaile. Thuirt an duine ris gu’m b’e bhaile nan Draoidhean a bh’ ann, gu’n robh na Draoidhean ag aoradh do’n teine, agus nach robh ach fior bheagan Mhahomedanach anns a’ bhaile. Dh’ fheoraich Amgiad dheth mar an ceudna, an robh Eilean Ebene, fad o’n bhaile. Thuirt e ris gu’n robh e astar cheithir miosan air muir, agus astar bliadhna air tir o’n bhaile. An uair a fhreagair an duine a’ cheisd so, dh’ imich e roimhe a dh’ ionnsuidh a’ ghnothaich fhein. Cha d’ thug Amgiad agus a bhrathair ach sia seachdainean air tighinn a’ Eilean Ebene, agus cha b’ urrainn e thuigsinn cia mar a rainig iad baile nan Draoidhean ann an uine cho goirid, mur b’e gu’n d’ thainig iad tarsuinn na beinne—rathad nach bu ghnath le daoine a bhith ’gabhail, o ’n a bha e anabarrach doirbh. An uair a choisich e air aghart greis, stad e aig buth taillear, oir dh’ aithnich e air ’eideadh gu ’m bu Mhahomedanach e, mar a dh’ aithnich e air an duine a thachair ris roimhe sid. Chuir e failte air an taillear, agus dh’ innis e dha an suidheachadh anns an robh e. An uair a chuir e crioch air na bh’ aige radh, thuirt an taillear ris, “Ma fhuair na Draoidhean greim air do bhrathair, faodaidh tu bhith cinnteach nach fhaic thu sealladh gu brath thuilleadh dheth. Cha’n fhaighear greim air as an lamhan gu brath. Agus bheirinn comhairle ort feuchainn ri cur suas le cuisean cho math ’s a theid agad air; ach thoir an aire nach tachair a cheart mhi-fhortan dhut fhein. Agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, fanaidh tu comhladh rium fhein. Innsidh mi dhut mu na cuilbheartean a tha na Draoidhean a’ gnathachadh, a chum gu ’m bi thu comasach air thu fhein a dhion uapa.” Ghabh Amgiad an tairgse so gu toileach, agus thug i mile taing do ’n taillear air son a chaoimhneis. Bha Amgiad mios ann an taigh an taillear mu’n deachaidh e am mach air an dorus, na’s lugha na bhiodh an taillear a’ falbh ’na chuideachd. Mu dheireadh ghabh e de mhisnich na chaidh do’n taigh-fharagaidh gun an taillear comhladh ris. An uair a bha e tilleadh air ais, agus e coiseachd air sraid air nach robh e ’faicinn duine coiseachd aig an am ach e fhein, thainig bean-uasal ’na choinneamh. An uair a chunnaic i an duine og maiseach a bha ’tilleadh as an taigh-fharagaidh, thug i an srol bhar a h-aghaidh; agus dh’ fheoraich i dheth, le fiamh gaire air a gnuis, c’aite an robh e dol. Bha i sior amharc air le tlachd, agus cha b’ urrainn Amgiad gun tlachd a ghabhail dhith. “A bhaintighearna,” ars’ esan, “tha mi ’dol do ’m thaigh fhein, airneo, ma’s e do thoil e, do’n taigh agad fhein.” “Mo thighearna,” ars’ a bhean-uasal agus fiamh gaire air a gnuis, “cha bhi mnathan-uaisle mar a tha mise a toirt fhear do na taighean aca fhein idir; is ann a bhios iad an comhnuidh a’ dol do thaighean nam fear.” Chuir an fhreagairt a thug i air ioghnadh mor air Amgiad, agus gun duil sam bith aige gur e so freagairt a bheireadh i air. Cha bu dana leis a toirt do’n taigh anns an robh e ’fuireach air eagal gu’m biodh an seann duine coir diumbach dheth, agus gu ’n cailleadh e gach cuideachadh is comhnadh a bha e deanamh dha ’na fheum, ann am baile am feumadh e an comhnuidh a bhith air fhaiceall. Bha e cho aineolach anns a’ bhaile ’s nach robh fhios aige c’aite an tugadh e i. Agus o’n a ghabh e tlachd dhi, cha robh e deonach sealladh a chall oirre. An uair a bha e anns an staid neo-chinntich so, chuir e roimhe gu’n leigeadh e le cuisean a dhol air an aghart feuch ciod a chuireadh am fortan ’na rathad, agus, gun fhacal a radh, ghabh e air ’aghart, agus lean a’ bhean-uasal e. Lean e roimhe o shraid gu sraid gus an robh iad le cheile a’ fas sgith a’ coiseachd. Mu dheireadh rainig iad sraid, agus aig a ceann bha geata mor agus e duinte, agus aite suidhe air gach taobh dheth. An taobh a stigh dhe’n gheata bha taigh anabarrach mor briagha. Shuidh Amgiad air fear dhe na h-aiteachan suidhe a bha aig a’ gheata a leigeadh ’analach, agus shuidh a’ bhean-easal air an fhear eile. An uair a shuidh i, dh’ fheoraich i dheth am b’e sin an taigh aige. “Tha thu ’ga fhaicinn, a bhaintighearna,” ars’ Amgiad. “C’ar son nach eil thu a fosgladh a’ heata ma ta?” ars’ ise. “Ciod a tha ’toirt ort a bhith feitheamh?” “A bhean-uasal mhaiseach,” ars’ Amgiad, “thug mi an iuchair do m’ sheirbhiseach an uair a chuir mi air cheann-turuis e, agus cha’n eil uine aige a bhith air ais fhathast. Agus a bharrachd air sin, thug mi ordugh dha iomadh biadh math fhaotainn air son dinnearach. Tha eagal orm gu ’m bi sinn uine fhada ’ga fheitheamh.” (Ri leantuinn.) Tha moran mhathraichean is athraichean mar nach biodh cuimhne aca gu ’n robh iad fhein og riamh; oir gheibh iad mile coire do ’n mhuinntir oig. Cha ’n ’eil obair air an t-saoghal a’s fhusa dhuinn a dheanamh na bhith ’faotainn coire do dhaoine eile. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Menr-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadhna. [TD 199] [Vol. 8. No. 25. p. 7] AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Tha duine gleusda anns na Staidean a rinn fortan air doigh leighis a fhuair e mach air son na muinntir air am bheil galair na misge. Sgriobh e anns na paipearan, gu’n innseadh e an doigh leighis so do neach sam bith a chuireadh dollair g’ a ionnsuidh. Chuir moran dhaoine aig an robh cairdean misgeil dollair g’ a ionnsuidh, agus sgriobh e air ais uca ag radh, “Na oladh iad ni sam bith ach uisge.” Cha’n ’eil teagamh nach ’eil an leigheas so air a’ mhisg cho math ri leigheas sam bith, ach cha b’ann ris a bha duil aig a’ mhuinntir a chuir na dollairean uige. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Am Feillire. DESEMBER, 1899. 1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768. 2 Di-satharna 3 DI-DONAICH I. Donaich dhe’n Teachd. 4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Monc, 1608. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542. 9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685. 10 DI-DONAICH 11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718. 12 Di-mairt 13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784 14 Dior-daoin 15 Di-haoine 16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718. 17 DI-DONAICH III. Donaich dhe’n Teachd. 18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689, 19 Di-mairt 20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836. 21 Dior-daoin 22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH IV. Donaich dhe’n Teachd. 25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870. 26 Di-mairt 27 Di-ciaduin An fheill Eoin. 28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734. 29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766 30 Di-satharna 31 DI‘DONAICH MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F. A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F. An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA> THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhln agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c, &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 200] [Vol. 8. No. 25. p. 8] Cumaibh Suas a Ghailig. Cumaibh suas a Ghailig Cainnt ’ur mathar fhein; Chaoidh na leigibh bas i Ge b’e cearn d’an teid, S i rinn og ar taladh Chuir a gradh an geill Ann am briathran blath Mar ghaoth a Mhaigh tromh gheig. Cumaibh suas a Ghailig Cainnt na sar-laoch treun ’s Choisinn cliu ’s na blaraibh Anns gach cearn fodh’n ghrein; ’Bhiodh air tus a ghabhaidh ’S tric a gheard ’s a ghleidh, Onair ’s crun a Ban-righ’nn ’Nuair bhiodh cach gun chre. Cumaibh suas a Ghailig Cainnt nam bard ’s nan treun, Ann an gaol gur fhearr i— Na bhiodh cach gu leir; Cainnt as misle pairtean, ’S a ni’n crabhadh geur, ’S cha mhiosa i gu cainadh ’Nuair thig trath an fheum. Cumaibh suas a Ghailig Bh’ anns an Airc cha bhreug, Chaidh an Eabhra bhathadh ’Us canain na Greug; Ach bha Gailig bhoidheach ’N teanga Noah fhein, ’S thug e leis air bord i ’N uair a sheol le threud. Cumaibh suas a Ghailig Dileab Adhamh fhein, ’Labhair e ’sa gharadh ’N uair a thaing Eubh Thubhairt e “mile failt ort ’S tu ’s aille ’fodh ’n ghrein, Cha’n eil aon bheir barr ort ’Measg nan mna gu leir. Cumaibh suas gu brath i ’S nar ma thig orr’ eis, ’N teanga chiatach dhaicheil Sgriobh gun dail i’s leubh; Buaidh le pinn nan armunn ’Tha ri stath ’s ri feum A sgaoileadh na Gailig Cainnt mo ghraidh ’s mo chre. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Na Gaidhil Aig Alma. AIR FONN,—“My Name it is Donald Macdonald.” O nach robh sinn mar bha! B’ fhearr gu’n robh sinn mar bha! ’S nam biomaid mar bha sinn air fuireach, Gu’n rachamaid uile gu blar. Tha mise ’so, Ailean o Lochaidh, ’S mi fada air fogradh feadh Ghall— ’S na’m faighinn o’n Bhan-righ na dh’fhoghnadh Cha biodh Fear-a-conaidh air chall— Nan cuirt ann an aite nan caorach, Sliochd sgaipte nan Laoch nach eil ann, Bhiodh fardaichean fasgach aig faondraich— Bhiodh aiteas a’s aoidh feadh nan Gleann. O nach robh, &c. ’N uair bha mi air sraidean Dhuneideann, Gun airgiod, gun eideadh, a triall— Gun chonuidh, gun chosnadh, gun Bheurla, ’S b’e ’n t-eagal gu’n treiginn mo chiall; ’S ann chunnaic mi ’n “Reiseamaid” sgiolta ’S gu’n d’ eirich mo mhisneach a’ m’ chliabh ’S cha b’ fhiach leam gu brath “Milisi”— Ach “Da-a’s-Da-Fhichead” (a) nan sliabh. ’S an “Eiphit” ’s a’ “Spainnd’s” thar gach mara— ’S an Fhraing ’s ann an Canada fhuar— ’S gu tric sinn ’s na h-Innsibh ’g ar garadh— Gun chromadh gun chrannadh ’n an tuar— Bi ’n reiseamaid bhuadhar ’s gach catha, Mu’n deach i fo Chailean gu buaidh, ’S b’e cheann-san a liath ’s a’ chogadh ’Bu tearnadh dhuinn toiseach an t-sluaigh. ’S ann oirnn nach tig dichuimhn’ na Faiche Far facas na feara fo ’n cruaidh, ’S fo bhriathran ’s fo bhrosnachadh Chailein, Ar cridheachan laiste gu ’r gruaidh “’Nis leanaibh-se ’Laochraidh nam beann mi, A’s thugaibh o ’r naimhdibh a bhuaidh ’S na tillibh-se meadhon a’ bhruthaich, Ach glacaibh na mullaich ’s gu luath.” Deadh Gillean-na-Fheilidh bu ghreadhnach, Feadh cathair a’s coilltich ’dol suas Ar Piobairean ’s brataichean srannrach, ’G ar greasad, mar b’ annsa, gu cruas— ’S ged mharbhadh a steud-each fo ’r Ceannard. Grad laiste bha lann-san (b) roi Shluagh, ’S le’r cruaidh, le ’r luaidhe ’s le ’r lasair, Chaidh naimhdean mar chathadh (c) o ’n Tuath. Air leam gu ’n robh Leoghan nan gleachd leinn— An Gaisgeach o’n Earrachd mar bha, Le cheathairne chliuitich a chleachd e (d) ’S an Reangaire (e) ’n tarruing gun sgath— ’S na seoid sin tha seoladh ri ’n taice—(f) Na fiurain bu mhaisiche barr, Nach fiaradh o’n duchas air faiehe ’S nach lubar le gaiseadh (g) nam blar. ’S na’n toisicheadh Alasdair Neacail* Ri Spagluinn (h) air faiche ro sliabh Gu ’n toir sinn dha aobhar a ghearain, Mar thug sinn do cheannaircich riabh— ’S mar rinn sinn fo Ridire Cailean ’S na Gaidheil gu leanailt gu dian— A thraillean a thilleadh le ’r deannal, ’Dhol dhachaidh a dh’ fheannadh nam bian. A. M. (a) 42nd, (b) a sword, (c) drift, (d) 79th, (e) Sir Allan Cameron’s sword, (f) 93rd embarking for China, (g) damage to crop by an autumnal gale, (h) haughty demeanour, * the Czar. Mac Bheatha, Righ na h-Alba. Tha e air a radh gu’n d’ fhuair Mac Beatha Crun na h-Alba troimh mortadh Righ Donachadh ’sa bhliadhna 1039 aig Both-nan-gobhain faisg air Eiliginn. Dh’ fheuch e le riaghladh firinneach agus ceart a dheanamh suas air son an droch obair a rinn e fhaotainn greim air a’ chrun. Thug e duaisean airgiod do Roimh, agus fearannan farsuing do’n eaglais, agus duaisean lionmhor do ’n bhochd, ach tha e coltach nach d’ rinn iad seo uile feum “fois a thoirt dha bho na bruadaran oillteil a bha a’ cur dragh air gach oidhche.” Ged a thug e seachad uiread do’n t-sluaigh, cha d’ fhuair e moran cuideachaidh bho’n chleir, ni mo an d’ thug an sluagh fois dha. Cha do chord an doigh a ghabh e greim air an righ-chaithir riu riamh, agus dh’ fhas e nis ain-tighearnail mar a bha e smuainteachadh gu’n robh a chumhachd dol am moid. Rinn e namhaid laidir dha fhein ann Mac-dubhaich, Fiofa, leis a’ chreachadh a rinn e air, agus theich am morair sin le daoine mora eile gu Calum a’ chinn mhoir, mac Dhonachaidh, a bha an deigh teicheadh gu Cumberland, agus chomhairlich e an righ-chaithir a ghabhail. Chaidh Suiard Iarla Northumberland agus a mhac Osbert gu Albainn comhla ri Calum ’sa bhliadhna 1054. An deigh dian chogaidh anns an deach Osbert a mharbhadh chaidh an ruaig an deigh Mac Beatha gu Lumphanan an siorrachd Abareadhain far an robh e air a mharbhadh le Macdubhaich an 1054 an deigh rioghachadh coig bliadhna deug. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 201] [Vol. 8. No. 26. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 5, 1900. No. 26. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. I. O chionn iomadh bliadhna bha bàta beag air a turus as na h-Eileanan an Iar, le luchd uighean, gu ruige Glasacho. Air feasgar Diardaoin, rainig i Canaidh, agus o’n a bha ’n oidhche coltach ri bhith dorcha, agus a’ ghaoth an ceann, cha ’n fhaca an sgiobadh agus an luchd-turuis a bh’ air bòrd dad a b’ iomchuidhe na fuireach ann an acarsaid Chanaidh gus an rachadh an t-sìde ni b’ fhearr. Gu math moch ’s a’ mhadainn Di-sathairne, o’n a bha ’n iarmailt glan, agus an t-sìde ciùin, briagha, rinn an sgiobadh deiseil gu falbh; oir bha iad an dùil aig an àm gu ruigeadh iad Tobar Mhuire mu ’m fàsadh am feasgar dorcha. Ged a bha gach aon a bh’ air bòrd glé thoileach falbh á Canaidh, bha car de dh’ amhrus air cuid diubh nach seasadh an latha aig sìde bhriagha gu h-oidhche. Bha ceathrar de luchd-turuis air bòrd, agus o nach robh aca so ach fìor bheagan eòlais air seòladaireachd, agus air na cunnartan troimh an robh aig luchd-falbh na mara ri dhol, b’e dhol air aghart a b’ fhearr leotha; ach air a shon sin, cha do ghabh iad orra fhein comhairle sam bith a thoirt air an sgiobair, no air an sgiobadh. An uair a bha iad a’ fuasgladh o thir, thàinig dithis de mhuinntir Chanaidh a nuas thun a’ chladaich far an robh iad, agus thuirt fear dhiubh, “Is e mo chomhairle dhuibh, ’fheara, na ’n gabhadh sibh i, gun charachadh as an acarsaid an diugh fhathast. Tha ’mhadainn ciùin, briagha, gun teagamh; ach cha ’n ann mar sin a’s fhearr mo bharail fhein air an latha. Cha chuimhne leam madainn cho fìor shoilleir so fhaicinn riamh gun tuaireapachd fhaicinn mu ’n dorchnaicheadh an oidhche. Cha’n ’eil barail sam bith agam gu seas an latha, agus cha mhò a tha mòr-earbsadh agam as a’ bhàta. Tha i tuilleadh is trom agaibh. Ma thig a bheag a’s fhiach de ghluasad air an fhairge, tha eagal orm gu ’n teid am bàta do ’n ghrunnd fo ’r casan. Na ’n robh tunna ni bu lugha de luchd agaibh innte, sheasadh i gu math ann an droch fhairge; ach tha i tuilleadh is trom agaibh. A bharrachd air sin, tha ’n seòl-mòr ag amharc glé bhreoite. Bheireadh aon oiteag mhath a thigeadh o Sgurr Eige ’n a stiallan as a chéile e. Ma shracas an seòl-mòr oirbh ann an droch fhairge, cha toir sibh tìr am mach beò gu bràth. Gabhaibh mo chomhairle, agus fanaibh far am bheil sibh gu Diluain.” Cha do chòrd a’ chomhairle so ri duine de na bh’ air bòrd. Bha an sgiobair agus an sgiobadh a’ smaointean gu ’m b’ aithne dhaibh fhein comharraidhean na sìde mhath agus na droch shìde cho math ri mac màthar a rugadh ’s a thogadh riamh ann an Canaidh. C’ar son idir, bha iad a’ smaointean, a ghabhadh iad comhairle duine sam bith, an uair a bha iad fhein a cheart cho eòlach air gach nì a bhuineadh do sheoladh ri duine sam bith? Nach robh iad a’ falbh as an Eilean Fhada, air a chuid bu lugha, aon uair ’s a’ bhliadhna, agus a ruighinn Ghlasacho gu sabhailte? Cha robh port no acarsaid anns an astar gu léir [?] robh iad cho eòlach ’s [?] iad a steach ann air dubh [?] mheadhon oidhche. C’ar son a bhiodh de dhànadas aig duine sam bith a radh riutha nach b’ aithne dhaibh cia mar bu chòir dhaibh an gnothuichean a dheanamh? Cha dubhairt duine riutha nach b’ aithne dhaibh cia mar bu chòir dhaibh an gnothaichean a dheanamh. Ach thug an duine còir, tuigseach a bha ’bruidhinn riutha comhairle na còrach orra; agus mar is minic a thachair, cha b’e taghadh na tainge a fhuair e. Bha an luchd-turuis a cheart cho mi thoilichte ris an sgiobair, agus ris an sgiobadh; ach cha b’ ann air son an aon aobhair. Cha do ghabh a h-aon aca riamh turuis-cuain do Ghlasacho, no do dh’ aite eile, air bàta beag no mòr; agus mar sin, cha robh eòlas sam bith aca air na cunnartan a bha daoine a’ ruith, an uair a bha iad a’ falbh á Eileanan iomallach na Gàidhealtachd gu ruige Grianaig is Glasacho, ann am bàtaichean beaga fosgailte nach tugadh leotha de luchd ach eadar còig is deich tunna. An uair a chuala iad gu ’n tugadh aon oiteag mhath a thigeadh o Sgurr Eige, an seòl-mòr ’n a stiallan as a chéile, ghabh iad an t-eagal. Cha robh de mhisnich aca na theireadh aon fhacal ris an sgiobair, an uair a chunnaic iad mar a chuir comhairle an duine chòir eile cho mòr bhar a shiùil e. Mur b’e gu robh iad an déis a dhol air bòrd mu ’n cuala iad na briathran a thuirt an duine còir a thàinig thun a’ chladaich a dh’ aon ghnothach a thoirt comhairle air an sgiobair, is dòcha gu robh iad gun dol air bòrd fhathast. Mar a tha am facal ag ràdh, “An rud a bhios ’san dàn, tachraidh e.” Thog iad na siùil gun dàil, agus dh’ fhalbh iad á acarsaid Chanaidh, le soirbheas cho fàbharrach ’s a dh’ iarradh iad. Bha a’ ghaoth o’n iar, agus ged nach robh i làidir aig an àm, bha i cunnabhallach gu leòr. Bha ’n iarmailt gu math soilleir, ach beagan de ’n àird-an-iar, far an robh staca de neòil thiugha, dhlùtha, dhorcha, a bha glé fhad’ air falbh. Bha Niall Ruadh—b’e sin ainm an sgiobair—’n a shuidhe aig an stiùir ’s a chùl ri marannan; agus o’n a bha e gu nàdarra cho fada ’n a bharail fhein ri mac màthar a sheas riamh ann am bròig leathar, thog e a cheann agus thuirt e:—“A dh’ aindeoin co theireadh e, bidh sinn ann an Tobar Mhuire mu ’n tuit an oidhche, ma sheasas an soirbheas mar a tha e. Ged nach ’eil an soirbheas laidir, tha e glé chunnabhallach.” “Mol an latha math air a dheireadh,” arsa fear de ’n sgiobadh. Faodar a radh an so, nach robh ach triuir a’ seoladh a bhàta—an sgiobair, am fear leis am bu leis am bàta, agus dithis eile. “Na bi thusa a’ cur facail a steach ann an nì nach buin duit,” arsa Niall Ruadh. “Ciod e an t-eòlas a th’ agadsa air marachd; duine nach deachaidh ni b’ fhaide o thir na na boghannan dearga? Cha ’n ’eil fhios agam an d’ ràinig thu na boghannan dearga fhein riamh. Na gabh ort fhein teannadh ri bruidhinn riumsa, a chaidh deich uairean timchioll an Rudha Mhurchannaich. Cha ’n ’eil fhios agam nach deachaidh mi uair no dhà seachad air an Rudha Mhurchannach mu ’n d’ rugadh tu.” “Tha mi coma co dhiubh, no co aca,” ars’ am fear de ’n sgiobadh a labhair. “Tha dà shùil agamsa cho math ’s a th’ agad fhein, agus faodaidh mi beachd a ghabhail air gach nì a chì agus a chluinneas mi cho math riut fhein, no ri fear sam bith eile.” “Gabh mo chomhairle, a laochain, agus na abair an corr riumsa. Ma chluinneas mise dà fhacal eile as do bheul, bheir mi dhut am falmadair ann an toll na cluaise, agus bidh cuimhne agad air, latha ’s fhaide am mach na ’n latha ’n diugh,” ars’ an sgiobair. An uair a chuala na bh’ air bòrd na briathran so a labhair an sgiobair, bha iad uile ’nan tosd. Bha fhios aca, ged a bha ’n sgiobair ’na dheadh sheoladair, nach robh ann ach am fìor bhuamastair, an uair a bhiodh a nàdar air a bhrosnachadh. Air an aobhar sin, cha dubhairt fear seach fear de na bh’ air bòrd aon fhacal gu ceann greis mhath. Anns an àm, thoisich a’ ghaoth ri tuiteam. An ceann ùine ghoirid, is gann gu robh deò ann. Bha am bun tiugh, dubh, a bh’ anns an àird-an-iar a’ sìor fhàs mòr, agus bha buaile a’ fàs timchioll air a ghréin. Thug an sgiobair an aire glé mhath do na nithean so; ach cha do leig e dad air. Mu dheireadh, cha robh e ’n comas dhaibh a dheanamh am mach co ’n taobh a bha ’ghaoth. Bha gluasad mòr air an fhairge, agus [?] na siùil a glagadaich ris a’ ch[?] gus bha ’m bàta ’turraman anns an fhairge. “An dean sibh am mach co ’n taobh a tha ’ghaoth?” ars’ an sgiobair. “An uair a bhios a’ ghaoth air chall, iarr a deas i,” ars’ am fear a labhair roimhe. Bha e aig an àm ’n a shuidhe ann an toiseach a’ bhàta, agus bha fhios aige, ged a theireadh e facail nach còrdadh ris an sgiobair, nach robh e ’na chomas cron sam bith a dheanamh air. Thug so air a bhith ni bu dàine gu labhairt na bhiodh e, na ’n do thachair dha ’bhith ’n a shuidhe faisge air deireadh a’ bhàta. “Dùin thusa do bheul,” ars’ an sgiobair. “Ma shéideas i o’n deas, cha bhi againn ach tilleadh do ’n challa as an d’ fhalbh sinn.” “Sin ri ràdh, ma bheir sinn am mach an calla as an d’ fhalbh sinn. Chi sinn cia mar a bhios cùisean eadar so is tràth suipearach. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, ‘Is math an sgiobair a bheir am mach an calla as an d’ fhalbh e,’” ars’ am fear abarta a bha ’labhairt. “Nach dubhairt mi riut,” ars’ an sgiobair, “gu ’m b’ fhearr dhut do bheul a chumail samhach? Ge b’ e air bith co a bhàthar cha bhàthar thusa. Mur ’eil mise air mo mhealladh, gheibh thusa co dhiubh bàs a’s mò nàire agus masladh na bhith air do bhàthadh. Am fear do ’n dual a’ chroich, cha bhàthar gu bràth e.” [TD 202] [Vol. 8. No. 26. p. 2] Cha robh fear seach fear de na fir eile a bha air bòrd a’ tuigsinn c’ar son a bha ’n sgiobair cho frithir ris an fhear a bha ’na shuidhe ann an toiseach a’ bhàta. Mar bu mhò a smaoinicheadh iad air na briathran a labhair e, is ann bu mho a bha iad a’ faicinn nach robh aobhar air an t-saoghal aig an sgiobair a bhith cho cas agus cho frithir ris ’s a bha e. Ach ged nach do thuig iadsan e, chuir am fear a thug comhairle orra gun falbh á acarsaid Chanaidh inntinn an sgiobair car beag air aimhreit; agus an uair a thuig e gu robh an latha air thuar fàs glé fhiadhaich, dh’ fhas e cas. Dh’ fheumadh e a dhroch nàdar a leigeadh ris air aon dòigh no dòigh elle. Tha so a’ tachairt gu tric air muir ’s air tir. Ann an ùine ghoirid, bheothaich a’ ghaoth gu math o’n deas ’s o’n earra-dheas. Bha am bàta aig an àm corr is leitheach astair eadar Canaidh is Rùm. Bha i gu math gu seòladh, agus ged a bha iad a’ beiteadh an aghaidh na gaoithe, bha i ’cur deagh astar ’na déigh. Bha iad uile ann an rud-eiginn de dhòchas gu rachadh aca air Eige no Arasaig a thoirt am mach mu ’n dorchnaicheadh an oidhche. Ach bha ’ghaoth a’ beothachadh gus mu dheireadh am b’ fheudar dhaibh beagadh air an aodach. A dh’ aindeoin cho math ’s gu robh an sgiobair gu stiùireadh—agus feumar a ràdh gun robh e ’na stiùireamaiche cho math [?] gheibhteadh ri’ latha ’s ri’ linn anns na h-eileanan—bha corra thonn a’ bristeadh a steach air guala an fhuaraidh aice. Bha ’ghaoth a’ tighinn ’na h-osnaichean, agus gu math tric an uair a laidheadh i thairis leis an oiteig, bhiodh an fhairge as cionn a’ bheoil aice air taobh an fhasgaidh. Mu dheireadh, b’ fheudar tòiseachadh ri taomadh. Cha robh sin furasda; oir cha robh àite na tuime ach cumhang gu leòr. Bha ’ghaoth, mar a bha i beothachadh, a’ sìor theannadh suas ris an earra-dheas. Bha i cho direach an ceann ’s nach robh am bàta a’ deanamh aghartas mòr sam bith. Ged a bha toil aig an sgiobair tilleadh air ais gu ruige Canaidh, bha eagal air gu ’n tigeadh muir-cùil orra an àm dha bhith ’g a toirt mu ’n cuairt. Mu dheireadh, an uair a thainig rud beag de bhalbhadh air a’ ghaoith, thug e mu ’n cuairt i; ach ma thug cha b’ ann gun chunnart. (Ri leantuinn.) Is e an t-Athair neamhaidh moran a’s mo curam umad na thu fhein, agus cha chum e ni sam bith uat ach ni a dheanamh cron dut na’m faigheadh tu e. Tha Dia a’ nochdadh a ghraidh dhuinn le bhith diultadh cuid do nithean dhuinn a cheart cho math ’s a tha e ’g a nochdadh le bhith ’toirt dhuinn nithean eile. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLVIII. AR TURUS GU DEMERARA. Dh’ fhalbh sinn ann an soilleireachadh an latha, agus sinn lan armaichte. Bha biodag air cliathaich gach fir dhinn, agus bha daga am fear againn am falach fo ar sgiorplach. A bharrachd air so, bha gunna aig gach fear dhinn a mharbhadh creutair sam bith le peilleir ann an ceud slat a dh’ astar. Bha deadh each am fear againn, agus bha earran mhath dhe ar cuid oir againn ann am pocannan an crochadh air ar beulaobh air gach taobh dhe ’n diollaid. Bha ’chuid eile dheth air fhuaghal ’nar cuid aodaich; oir cha robh fhios againn ciod a thachradh dhuinn air ar turus. Bha sinn ann gu leir, coignear air fhichead. Bha coltas garg gu leor oirnn, agus tha mi ’creidsinn nach biomaid fada ’cur aireamh mhath de dhaoine calma gu talamh, na’s lugha na bhiodh iad gu math armaichte. Bha sinn uile air ar cruadhachadh leis na bha sinn a’ faicinn ’s a’ chluinntinn fad iomadh latha. Cha robh guth no iomradh ri chluinntinn mu thimchioll an ath shaoghail. Bha sinn uile air ar lionadh le ro-churam an t-saoghail so, agus mealltaireachd beairteis. Agus bu mho gu mor a bha na bh’ againn a dh’ or a’ cur a dh’ iminidh oirnn na bha staid n-anamannan. Chuir sinn astar mhath ’nar deigh an lath’ ud. Agus an uair a thainig an oidhche oirnn, chuir sinn romhainn, o’n a bha ’ghealach na h-airde agus an iarmailt gun aon sgoth, gu’n gabhamaid air ar n-aghart, cho luath ’s a leigeamaid ar n-anail gu math. Fhad ’s a bha sinn a leigeadh ar n-analach, bha sinn a cur ar comhairle ri cheile mu dheidhinn an rathad bu choir dhuinn a ghabhail. B’ e an rathad a bha ’dol troimh ’n Bhealach Gharbh, eadar an da bheinn, moran bu fhreagarraiche oirnn anns gach doigh. Bha e na b’ fhasa choiseachd, agus bha e na b’ aithghearra. Cha robh eolas sam bith againn air an rathad ud; ach bha Daniel agus na fir a bha ’na chuideachd eolach gu leor air. An deigh dhuinn a bhith greis mhath a’ comhradh mu’n chuis, shuidhich sinn nach gabhamaid rathad a Bhealaich Ghairbh idir. Bha amhrus laidir againn gu’m faodadh buidheann dhe na dh’ fhag sinn ’nar deigh torachd a dheanamh oirnn, agus ar cur gu bas anns a’ Bhealach. Agus, air eagal an cothrom so a thoirt dhaibh, chuir sinn ar n-aghaidh air an aird a’ deas. Ged a bha ’n oidhche gle shoilleir cha robh sinn a deanamh moran astair. Bha eagal oirnn gu ’n tachradh nathraichean ruinn, no creutairean eile a dh’ fhaodadh eagal a chur oirnn fhein, no air na h-eich. Nan gabhadh feadhainn dhe na h-eich sgaoim anns an aite ud, dh’ fhaodadh iad ar leagadh; agus g’e b’e fear dhinn a gheibheadh leagadh anns an aite ud, bu mhath an ni dha mur rachadh a chnamhan a bhristeadh. Mu dheireadh, an uair a thachair aite freagarrach ruinn, leig sinn as na h-eich air di-leum, agus chuir sinn seachad anns an aite ud na bha romhainn dhe an oidhche—cuid dhinn ’nar cadal, agus cuid dhinn ’nar dusgadh—mar a bha cuisean a’ freagairt dhuinn. Ann an soilleireachadh an latha rinn sinn deiseil gu gabhail air ar n-aghart. An uair a dh’ eirich a ghrian gu math ard, rinn sinn stad aig iomall na coille far an robh sinn gus teas an latha chur seachad, agus biadh is tamh a ghabhail a chum gu ’m biomaid gu laidir, urail air son astar math a chur ’nar deigh an uair a thigeadh fionnarachd an fheasgair. An aite fois a ghabhail mar a rinn cach, thog Balso air, agus fear mor, colgarra dhe na daoine a bha ann an cuideachd Dhaniel, agus dh’ fhalbh iad a ghabhail seallaidh air an aite a bha romhainn, a chum gu’m biodh e na bu chomasaiche dhuinn ar rathad a dheanamh troimh ’n fhasach. Bha iad cho fada gun tilleadh ’s gur ann a bha eagal oirnn guu d’ eirich beud dhaibh. Mu dheireadh thainig iad, agus dh’ innis Balso dhuinn gu’n robh e lan chinnteach nach rachamaid ceum iomrall air an t-slighe dhachaidh, nan leigeamaid leisan a bhith ’gar treorachadh. Dh’ innis e dhuinn mar an ceudna [?] an leis an robh e ag ai[?] cur an fhearainn troimh ’n d’ thainig sinn air ar turus a Demerara? Bha fhios againne gu’n robh Balso ’na duine cho geurchuiseach, agus beachdaidh ’s a thachair riamh ruinn; agus an uair a chuir sinn ar comhairle ri ’cheile, smaoinich sinn gu’m biodh e pailt cho sabhailte dhuinn gabhail troimh ’n fhasach air a’ choischeum air an d’ thainig sinn ri oidhirp a thoirt air ar rathad a dheanamh gu ruige na bailtean a b’ fhaisge dhuinn ann am Brasil. Bha fhios againn nach tachradh daoine ruinn a chuireadh dragh mor sam bith oirnn; agus o’n a bha eich mhath’ againn, agus sinn gu math armaichte, cha bhiodh e furasda beud a dheanamh oirnn. B’e ’n t-eagal bu mho a bh’ oirnn gu’n teirgeadh am biadh dhuinn, agus gu’m faodamaid a bhith aireamh laithean gun chothrom fhaotainn air sealg a dheanamh. Ach mar is tric a thachair, bha eagal oirnn roimh nithean nach fhaca ’s nach d’ fhairich sinn riamh. Bha na daoine a bha ’n cuideachd Dhaniel an toiseach car aindeonach air a dhol gu ruige Demerara comhladh ruinne ged a bha Daniel a’ comhairleachadh dhaibh a dhol ann. B’ fhearr leotha gu mor—mar a bha nadarra gu leor dhaibh—tilleadh do’n duthaich as an d’ fhalbh iad na dhol do dh’ aite anns nach robh iad riamh roimhe. Ach an uair a shoilleiricheadh dhaibh gu ’m b’ ann an Demerara bu shabhailte dhaibh a dhol, agus gu’m b’ ann bu luaithe gheibheadh iad an t-or bhar an lamhan dheonaich iad falbh comhladh ruinn. Lean sinn romhainn lath’ an deigh latha, agus bha dol againn, mar bu trice, air an rathad air an d’ thainig sinn a dheanamh am mach. Cha do thachair cunnart sam bith ruinn, agus chaidh againn, le bhith sealgaireachd an uair a gheibheamaid an cothrom, air sinn fhein a chumail ann am biadh gu leor. Mu dheireadh rainig sinn an amhainn thairis air an d’ thainig sinn air a’ chraoibh a leag sinn, an uair a bha sinn air an turus gu ruige fearann an oir. Bha ’chraobh gun charachadh as an aite ’s an d’ fhag sinn i. Thuig sinn gu’n rachadh aig gach fear dhinn a dhol thairis air an amhainn; ach cha robh e an comas dhuinn na h-eich fhaotainn thairis oirre. Cha robh sinn deonach dealachadh ris na h-eich air chor sam bith, agus chuir sinn romhainn gu’n gabhamaid suas ri taobh na h-aimhne ann an dchas gun tachradh ath ruinn thairis air am faigheamaid leis na h-eich. Ach o’n a bha am feasgar ann, chuir sinn seachad an oidhche far an robh sinn. Gu math trath ’s a’ mhadainn, dh’ fhalbh sinn agus mu’n d’ thainig am feasgar thachair aite comhnard ruinn; agus bha’n amhainn gu math leithinn, agus a reir choltais, aodain gu leor. Thug am fear a b’ fhearr misneach, agus a b’ fhearr gu snamh a bha ’nar measg oidhirp air a dhol thairis oirre, agus rainig e an taobh thall gu sabhailte. ’Na dheigh sid chaidh sinn a null oirre ’nar buidhnichean. Bha sinn a cumail nan each bu treise ri aghaidh an t-sruth, agus bha iad mar sin a bristeadh neart an t-sruth air na h-eich bu laige. Bha sinn gle thoilichte an uair a fhuair sinn thairis air an amhainn. Cha robh duiligheadas mor sam bith romhainn tuilleadh gus an ruigeamaid an t-aite as an d’ fhalbh sinn. Mu dheireadh thall rainig sinn e, agus sinn air ar claoidh gu h-anabarrach. Bha’m fear a dh’ fhag mise agus Tomas air cheann an fhearainn, agus nan daoine a bha ’ga oibreachadh an deigh an fearann a reic, agus falbh as an duthaich. O nach robh e cluinntinn guth uainn, smaoinich e gu’n deachaidh ar mort no ar marbhadh leis na daoine garga, fiadhaich a bha far an robhas a’ buinig an oir. Ged a bha sinne car mi-thoilichte anns an am a chionn nach robh e romhainn, cha do chaill sinn dad sam bith air e dh’ fhalbh. Bha sinn uile ann an comunn mu bhuanachd an fhearainn agus mu bhuinig an oir; agus nan robh esan air fuireach aig an fhearann gus an d’ thainig sinne, bha e, a reir a’ chordaidh a bha eadrainn, air suim mhath fhaighinn dhe ’n or a bhuinig [TD 203] [Vol. 8. No. 26. p. 3] sinne. Fhuair sinn am mach o na daoine a cheannaich uaithe am fearann, agus gach ni eile a bhuineadh dhuinn, gu’n do phaigh iad aireamh mhiltean punnd sasunnach dha air son a h-uile dad a bh’ ann. Cha d’ fhag e fios aig neach sam bith co an taobh a thug e ’aghaidh, agus tha amhrus laidir agam gu ’n robh e coma ged nach fhaigheadh duine sam bith fios air c’aite an deachaidh e. (Ri leantuinn.) TIRITHE. (Air a leantuinn.) CREIDIMH DIADHAIDH AN T-SLUAIGH. Tha chuid as motha do’n t-sluagh a leantuinn na h-eaglais Steadhaichte, ged tha cuid ann tha do’n eaglais Shaor, agus do ’n eaglais Bhaisteach. Ged is e creidimh Prostanach a tha ann a diugh air fad tha e coltach gum be an creidimh Caitliceach a bha ann uair eiginn do’n t-saoghal. Tha iomadh comhara air sean chlachan na lic a tha leigeil fhaicinn dhuinn, gu robh an creidimh sin a dol ag pairt co dhiu. Mar tha fhios agaibh se an creidimh Prostanach tha ann on a’s fhiosaraich duine. Agus b’e an eaglais Steidhichte a bha ann air fad gus an deachaidh an dealachadh unnta sa sin dh’ fhag moran i agus chaidh iad leis an eaglais Shaoir, a chionn gu robh iad a smaointeachadh gu’m b’e a b’ fhearr a bha iad a deanadh agus co aige tha fhios nach e sin a rinn iad. Cha’n eil fhios ach aig a h-aon co dhiu rinn ceart no cearr. UACHDARAN AGUS BAILI. ’Se Diuc Earraghaidheal an uachdaran air fad, agus is e Eoghan MacDhiarmaid as baili air. Cha’n eil an Diuc a tiginn uair sam bith do’n eilean; se Mac Dhiarmaid fhein a tha sealltainn air gach ni. Tha am mal ga phaidheach dha da uair ’sa bhliadhna, aig a Bhealtuinn agus aig an t-Samhuinn. Gach ni a bhitheas cearr air an eilean se an dara cuid am Baili no Maor a bhitheas a sealltuinn orra, agus gach duine air am bi eucoir air a dheanadh sann dh’ ionnsuidh a Bhaili a thig e airson ceartas. SGOILEAN. Mu’n deachaidh an t-Achd ionnsachaidh air son Albainn a thuirt a mach, cha robh moran suim aig daoine do sgoil. Bha iad a smaointean nach robh ann ach cur seachad uine mar bu choir dhaibh a bhi deanadh nithean eile a b’ fheumalaiche. An deigh an t-achd so thuirt a mach dh’ fheumadh iad a bhi ’sa sgoil cho dhiu agus sann a sin a thoisich iad ri feum na sgoil fhaicinn. Tha aig an am so cuig sgoilean an Tirithe agus mu cheithir cheud agus tri fichead sgoilear. Tha na sgoilean air a cumail suas nis fearr na bha iad riamh roimhe, agus ma choimhnidh sin tha na sgoilearan nis fearr. Cha’n fhaigh iad an diugh an sgoil fhagail mar a thoilicheas iad ach gus am bi iad an aois, agus leis a sin ’s urrainn dhaibh am bitheandas sgriobhadh agus leughadh. Tha nis sgoil oidhche ga cumail ’sa gheamhradh cho math ri sgoil la, agus tha so a deanadh feum mor dhaibhsan a dh’ fhag a sgoil gun mhoran ionnsachadh. Tha sgoil Hinnipol air a radh gur i a sgoil oidhche dutcha a’s motha an Albainn. Anns a sgoil so cho math agus a bhi ag ionnsachadh leughadh, sgriobhadh, cunntas, tuathnachas, agus saorsa baille mhoir tha na gillean air an ionnseachadh ann a sgoil na fairge leis a Mhaighstir-sgoil Mr. M‘Donald. Ni so feum mor dhaibhsan a tha smaointean air bhi na seoladairean cha leig iad a leas a bhi uiread uine ag ionnseachadh mu faigh iad na sgiobair air bata, agus ged nach bi iad na seoladairean idir cha’n eil fhios aca cuin a chuireas iad feum orra. Tha cuideachd Mrs. Macdonald, a ghleidheadh sgoil oidhche ag ionnseachadh do’n a h-igheanan fuaghal agus grinneas bhan. Agus ’sa sgoil la tha i ’g ionnsachadh nan caileagan ann an cocaireachd, airidh, agus iarnachadh. Cuidichidh so na caileagan gu aite math fhaotuinn mar theid iad deas gan cosnadh. EOLAS CRUINNE. Cha’n ’eil ach ceithir beinnean ann agus is iad so iad, Beinn Hough, Beinn Heinish, Beinn Chionnamhara, agus Beinn Ghot. Se Beinn Heinish as airde, tha i mo chuig ceud troigh a dh’airde. Tha [?] bheag ann, Loch Phuil, Loch-an-[?] agus Loch a’ Mhuileann. Cha ’n ’eil amhuinn idir ann ach struthain bheag agus feudaidh mi dithis ainmichadh, an amhuinn Mhi agus an amhuinn Bhan. Cha’n eil aite taimh aig bata an aite ri sid dhoirbh, agus na bataichean beaga feumaidh iad an tarruing gu braigh a’ chladaich. FURASDACHD BHATAICHEAN SMUID. Tha an t-eilean air a mhilleadh gu mor nach eil aite taimh aig bataichean; se sin nach ’eil acarsaid ann. Ged a bha iad a bruidhinn air a so a chur ann o chionn uine ghoirid, cha deachaidh e ann fathast, ach co dhiu dh’ fhaoite gun teid e ann agus ma theid ni e feum mor do’n eilean oir tha e feumach air. Ni ’s motha tha gu chumail as ’se sin gu bheil an t-uachdran cho mor na aghaidh a chionn gu bheil e deanadh a mach gum mill e an grunnd. Ri am crodh chuir air falbh as an duthaich, tha na daoine dol ro chunnart mor ma faigh iad a stigh do’n bhata. Le muil-traigh sann shios aig air creaga a bhitheas iad ga cur ’sa gheolaich. ’S ann a sinn a bhitheas a mhualanaich aig na bruidean bochd, agus na daoine ga slaiseadh ’s ga budhadh ’s na creatairean bochd gun cuireadh iad truas air gach duine, oir leis an eagal cha’n eil fhios aca co as fearr dhoibh leum a mach air a mhuir no dol do’n gheolaich. Tha iomadh uair an t-sid cho mhosach ’s gu feum daoine a bhitheas a tighinn do’n duthaich a bhi air a tuirt ma thuath leis a’ bhata agus ma dh’ dhaoite mar a thig iad a ris gur thann am Bunessan a gheibh iad gu tir. CUR A MACH AGUS TIGHINN A STIGH AN EILEAN. Cha’n ’eil moran sam bith ga chuir air falbh as an eilean. ’S e so na nithean as prionspalaiche: pibhean, crodh, caorich, eich, iasg, cloimh agus craicionn. Tha na h-eich daonan ga cur air falbh aig am na faigheir Mhuilich agus is ann aig an am so tha daoine faireachgain dith a cheithe. Tha fada barrachd do nithean a tighinn do’n eilean na tha falbh as. Tha moran guail, min, ti agus siucar a tighinn daonnan cho math ri nithean eile nach leig mi leas ainmeachadh. ’Se gual agus min an da ni as motha tha tighinn agus gual gu sonruichte; oir ’s iomadh uair a bitheas cho math ri ceithir bataichean a cur a mach air aon traigh. OBRAICHEAN. Cha ’n ’eil obraichean mor a dol air aghaidh daonan, ach ged nach eil tha gach duine og ag obair air ni eigin, oir gun obair cha bhi biadh no doigh an Tirithe nis mo no ’n aiteanan eile. Bithidh cuid aig iasgach ’se sin mar a bhitheas iasgach ann ra dheanadh, oir mar tha fhios agaibh cha bhi e ann ach aig uaireanan. An obair as fearr a tha ann faodaidh mi radh gur e “ceilp” agus “Stamhan.” Ged nach ’eil gach duine ag obair orra tha feum gu leoir aig daoine bochd orra, oir gheibh iad min ’s gual ’s gach ni a bhitheas a dhi orra o Mr. Sleven. A chuid nach bi ’g obair air a so bithidh iad aig ni eigin eile agus faodaich mi radh gu bheil an dara duine a cumail beo an duine eile. AITICHEAN COMHNUIDH. Cha’n e aitichean comhnuidh beaga dubha mar a bha aig ar seanairaichean a tha ann a nis. Ged a tha cuid ann nach eil boidheach on taobh a mach agus ged nach carstealan mor a tha ann a gin dhiubh faodaich mi a radh mu bheil iad briatha, gu bheil iad glan. Tha ni ann a cuid dhiu ris an abair iad dresair agus dh’ fheudadh duine air bith a bhrochan ithidh dheth. Am bitheandas anns na tighean cha ’n ’eil ach tri rumaichean, seomair, closaid agus ceann an teine. ’Se “felt” a nis a’s trice bh’ ann no tugha agus tha iad nis fearr as a h-uile doigh. SEAN TOGALAICHEAN. Chaidh iomadh ni fhaotuinn agus fhaicinn mu ’n cuairt air na seann togalaichean a tha leigeil fhaicinn dhuinn gur e an creidimh Caitliceach a bha ann uair eigin do’n t-saoghal. Tha teampul Pharig an Chionnamhara ’s gu bheil e coltach gur th’ ann ri am Chalum Chille a chaidh a thogail. Tha e nis air tuiteam ach tha iomadh ni ri fhaicinn fhathast ann. Tha da shean eaglais anns a cheann sear do’n eilean a chaidh thogail le Calum Cille. Tha iad so cuideaehd air falbh as a cheile. Bha e air a radh uair gu robh tigh-falaich anns a cheann siar do ’n eilean ach a nis tha am beul aige air druideadh suas leis a ghaineamh.—AM BALACH MOR, ’sa Highland News. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXV. Leis a h-uile duiligheadas a bha ’tighinn an rathad Amgiaid, thoisich e ri gabhail aithreachais. B’ e so a thug air an fhreagairt ud a thoirt air a’ mhnaoi-uasail. Bha e an duil gu’n tuigeadh i nach robh e ag iarraidh a cuideachd na b’ fhaide, agus mar sin gu’n gabhadh i mialachd, agus gu’m fagadh i ann an sid e, ach bha e gu mor air a mhealladh. “Nach e an seirbhiseach a tha a ’leigeadh leinn a bhith cho fada so ’ga fheitheamh. Mur gabh thusa gu math air an uair a thilleas e, gabhaidh mise mi-fhein air gu math ’s gu ro mhath. Cha’n ’eil e coltach dhomh a bhith mar so ’nam shuidhe aig geata comhladh ri firionnach,” ars’ ise. An uair a thuirt i so, dh’ eirich i, agus thog i clach gus glas a gheata a bhristeadh. Cha robh anns a’ ghlais ach fiodh, agus bha e furasda gu leor dhi a bhristeadh. Rinn Amgiad na b’ urrainn e gu stad a chur oirre. “Ciod a tha thu ’dol a dheanamh? An ainm an aigh stad beagan uine!” ars’ esan. “Ciod an t-eagal a th’ ort?”, ars’ ise. “Nach e do thaigh fhein a th’ ann? Cha chall mor glas fhiodha a bhristeadh. Is fhurasda te eile fhaighinn.” Bhrist i a’ ghlas, agus cho luath ’s a dh’fhosgail i an dorus, ghabh i steach do’n taigh. Bha Amgiad a’ smaointean gu’n robh ceann a shaoghail air tighinn, an uair a chunnaic e an dorus air ’fhosgladh. Sheas e far an robh e, agus gun fhios aige gu ro mhath co dhiubh a rachadh e steach ’na deigh no ghrad theicheadh e air falbh cho luath ’s a leigeadh a chasan leis, a chum gu’n seachnadh e an cunnart mor anns an robh e ’ga fhaicinn fhein. Agus an uair a bha e ’dol a theicheadh, thill ise am mach. An uair a chunnaic i nach robh e ’dol a steach, thuirt i, “C’ar son nach ’eil thu ’dol a steach do d’ thaigh fhein?” “Tha mi ’sealltainn feuch am faic mi mo sheirbhiseach a’ tighinn. Tha eagal orm nach ’eil dad deiseil air ar coinneamh,” ars’ Amgiad. “Thig a steach, thig a steach, is fhearr dhuinn ’fheitheamh an taobh a staigh dhe na dorsan na an taobh am muigh,” ars’ ise. (Air a leantuinn air taobh 206.) [TD 204] [Vol. 8. No. 26. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IANUARAIDH 5, 1900. Litir o Mhurchadh Cam. FHIR-DEASACHAIDH GHASDA,—Gheall mo nabaidh math, C. C. gu sgriobhainn rud-eigin gu MAC-TALLA ’nuair a chuirinn crioch air na drochaidean, “Am fear a bhios gu h-olc mu ’n fhardaich, bidh e gu math mu ’n rathad-mhor.” Bha mise corr ’us leth-cheud bliadhna leagail ’sa togail dhrochaidean; agus an uair a bhios esan leth-cheud bliadhna ’strachdadh na cubaid is docha gu ’m bi crith na laimh, agus, mar a dh’ eirich dhomh fhin, gu ’m bi droch mhaterial aig air uairibh. Ach cha choir a bhi trom air; tha e ’na dheagh charaide dha ’n MHAC-TALLA. Tha mi ’n comain “Sheumais A.” airson iomradh caoimhneil orm. Cha chreid e gu bheil mi cam; ’s mi tha; ach “Ged a tha mo leth-shuil cam chi mi leis an t-suil a th’ agam.” Thug Bodachan a’ Gharaidh orm nach leig an t-eagal dhomh mo lethsgeul fhin a ghabhail gu brath. Ach tha mi ’g iarraidh mathanais air a Ghaidheal Uasal, an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair; gheall mi bhi oidhche na thaigh; cha d’ fhuair mi sin a dheanamh fhathast; ach ’nuair thig rathad math chi e gu ’m bi mi cho math ri m’ fhacal, ’s mur bi, ’s ann orm fhin a bhios an call; leigeadh e staigh mi ged a bhiodh ceann duin’ air mo mhuin. Nach sinn a tha na chomain airson an orain ur a thug e dhuinn? Nach ceart a thuirt e— Co e a bhiodh cho fuar-chridheach, ’S gu’n sealladh e le suarachas, Air cainnt na mathair shuairce sin A thog a suas na phaisd’ e? B’ fhearr leam gun d’ thugadh an Cuairtear sgriob an taobh-sa. Thug e gaire orm, ged nach b’ aobhar gair’ e, ag innse mu ’n fhear a dh’ iarr air a bhean bhochd i dhol do ’n droch ait’. Ach fhuair e bearna ’chur na rasar. Bha bean araid ann an aite sonruichte. Bha creidimh laidir aice; ach bha i ’smaoineachadh nach rachadh neach sam bith do neamh nach robh air an t-slighe air an robh i-fhein; ’s bha h-uile duine dha ’m b’ aithne i ’smaoineachadh nach ruigeadh ise neamh gu siorruidh air an t-slighe air an robh i. Chuireadh i na h-itean as na h-eiteiran. Thainig ministeir og do ’n aite. Chaidh esan a chur blar rithe le Biobull mor na laimh. “Seadh, a bhean, ’s cinnteach gu ’m bi sibhse leughadh na Firinn.” “Bithidh, agus nam breugan,” ars’ ise. Chuimhnich esan mar a thuirt Sgonnan, “Foghnaidh sid fhein dheth; foghnaidh, foghnaidh!” Nise, cha ’n ’eil sannt truid orm idir, co-dhiu cha ’n ’eil mi dol a throd ri MAC-TALLA; oir tha h-uile car a tha e cur dheth a cordadh rium. Mar a thuirt am fear a bha moladh na mnatha, nach d’ thainig guth eadar e-fhein ’sa bhean riamh ach airson sgriobadh na poite. Ach gu de dh’ eirich dha na Raidhean airson an d’ thug “Caraid na Gailig” na duaisean. Feumaidh gu bheil smear na Gailig annta, agus gum biodh luchd-leughaidh MHIC-TALLA uile taingeil airson am faicinn. Cha chreid mi gu bheil e ceart an cumail am falach fo luideig. Cha lasar coinneal gus a cur fo shoitheach; agus tha mi ’n dochas nach toisich sibh ri cur nan “duthan air na dathan,” ach gum faic sinn ’sa MHAC-TALLA iad. ’S i seo oidhche Nollaig. Tha i gle uaine, ’s tha iad ag radh gu fag sin an cladh miath. B’ fhearr leam gu robh a h-uile duine tha sgriobhadh gu MAC-TALLA comhladh rium ’san taigh-sa nochd. Thigeadh an latha gun fhios duinn; ’s iomadh fear ’us te a dh’ ordaicheadh a bhi maille ruinn. Tha eagal orm gu bheil Cona ’n deigh dhol o “phutadh na claiche,” cha ’n fhaic mi sgriob uaithe; is docha gun deach e ’n arm. O, tha mo chridhe goirt! a leughadh mu ’n sgrios a tha na Boers a’ toirt air na Gaidheil bhochda, agus sin le coire an ceannardan. Ach ged tha na naimhdean ag iathadh lamh mu laimh, cha teid iad as gun pheanas. “Cha bhi fhios ciod a bhios ’san truaill gus an tairgeir e.” Tha uisge tigh’n mu m’ fhiaclan gus an toisich naigheachd Iain. “Huth!” arsa tusa, “’s gun fhiacail na d’ cheann.” On a chunnaic mi ’sa cholainn sibh, tha mi ’n dochas gu seall sibh thairis (cha chan mi “lethsgeul”) air mearachdan a tha ’san litir so. Ma bhios mi beo, bheir mi dhuibh oran “Blair-theab” an uine gun bhi fada. Bliadhna Mhath Ur dhuibh fhein, ’s do luchd-gabhail MHIC-TALLA uile. ’Ur caraid, MURCHADH CAM. Bail’ an Tobair, E. P. I., Oidhche Nollaig, 1899. LITIR ’US ORAN. A MHIC-TALLA RUNAICH,—Tha na rainn a leanas a toirt iomradh air ceud luchd-aitich oisean beag de Shiorrachd Victoria, an Ceap Breatunn. Thainig mu dhusan teaghlach a caochladh aitean de ’n Ghaidhealtachd, mun bhliadhna 1840—cuid dhiubh roimhe sin ’s cuid eile beagan as a dheigh—agus thuinich iad aig Beinn-a-Mhaoir, no mar a their cuid, Beinn-Mhic-’Ill-Andrais. B’ iad sud, Domhnull Moireastan, Iain Caimbeul, Iain Mac Leoid, agus Iain ’us Ruairi Mac ’Ill-fhinnean, (Gillean Sine), a thainig a caochladh aitean de na h-Earradh; Tormad Mac-’Ill-fhinnein, (Tormad mor), Domhnull Mac ’Ill-Andrais agus Mac Rath, (a maor mor), a thainig, mas math mo bheachd, as a Chomraich; Iain Mac Coinnich, a Gearrloch; agus a cheathrar a leanas as an Eilean Sgiathanach: Aonghas D[?] (an Gael), agus Iain Caimbeul a [?]eathbost, Aonghas Domhnullach (beag) a Cille-Mhoire, Domhnull Martuinn a Uige, agus Niall Mac Farlain as an Eudanbhan. Thog gach aon diu sud teaghlach. Bha ’n cuid cloinne a tighinn do ’n aon tigh beag sgoile aig Bruach-Gaistine-Bhan. Bha iad cairdeil, caoimhneil ri cheile, mar gum a chlann aon teaghlaich a bhiodh annta. Cha b’ annasach sin; bu chaoimhneil a mhuinntir bho ’n d’ thainig iad ri cach a cheile mar choimhearsnaich. Is sgaipte bho cheile a chlann ud an diugh. Ach cha ’n ann mu ’n chlann ach mu na parantan a tha na rainn so a labhairt. AM BRUADAR. Air fonn:—“Tha mo bhreacan-sa fo ’n dile.” C’aite an diugh a bheil mo dhilsean? ’S fad’ us cian mi-fhin bho m’ chairdean. Thug mi ruaig a raoir am bruadar ’Measg nam bruach far ’n deache m’ arach. C’aite an diugh, &c. Bha mi ’n duil gun d’ rinn mi triall Gu Abhuinn Mheadhonach nan armunn. Mi, ar leam, a measg nan eolach A bhiodh geanail, coir mu ’n fhardaich. Seachad suas gu Beinn-a-Mhaoir mi, Bha mo dhaoine roimhe tamh ann. Sud an drasta toirt gu m’ inntinn Comnnn grinn nach ’eil a lathair. ’S maith mo chuimhne air na bha fuireach Mu na mulaich ud ri m’ là-sa. Gheibhte ann Domhnullaich an uair ud Dha ’m bu dualach a bhi baigheil. Gheibhte Caimbeulaich mo ruin ann, Dha ’m bu duthchas Earraghael. Chite, an uair ud, Tormod Mor ann, Iain Mac Leoid, us Niall MacFarlain. Cloinn-’Ill-Fhinnein eile chite ann, Gillean Sine, nach robh taireil. Tacan suas ri taobh nam beann Bha Mac ’Ill-Andrais, fear gun ardan. Bha Mac Rath ann, a Maor Mor, Ach bha mi og nuair rinn e fhagail. A measg chaich bu tric a choinnich mi Mac Coinnich ann an Gearrloch. Bha fear eile ann, dheanainn luaidh air, Domhnull Ruadh Mac Ille-Mhartuinn. Na tha ’n diugh a tamh fo ’n fhod dhiubh Fa mo bhroin a bhi ga aireamh. Thriall an linn ud mar bu duth, ’S tha sinne ruith air cul a sailtean. Biodh gach anam beo fo ’n ghrein A deanamh feum de’n latha ghearr so. ’Nuair, an sin, thig am ar caochlaidh Chi sinn luchd ar gaoil a dh’fhag sinn. Is ann air a chainnt is fhearr a dh’ aithnichear gnè agus nadar duine. Tha ’m fior ghradh ag amharc fada roimhe. Is e ar math anns an am ri teachd, agus ar math siorruidh bu choir a bhith anns an amharc againn fhein. Na bi ’gearain ged nach biodh a h-uile rud bu mhiann leat agad; oir tha iomadh rud ann bu mhiann leat a bhith agad a b’fhearr dhut gu mor a bhith uat. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. [TD 205] [Vol. 8. No. 26. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha crith-thalmhainnn throm aca ann an ceann a deas Chalifornia latha Nollaig. Chaidh cuirp nan daoine chaill am beatha a Mhaine, a thoirt dhachaidh do na Staidean air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad air an tiodhlacadh ann a Washington. Chaidh sabhal le fear Uilleam Young, ann an Kingsboro, E. P. I., a losgadh aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha’n crodh ’s na h-eich, am fiar ’s gach ni eile bha ’na bhroinn air an call. Tha luchd riaghlaidh Banca Montreal an deigh tri mile gini a thoirt seachad air son cuideachadh a dheanamh le mnathan ’a le cloinn nan saighdearan Breatunnach a tha anns a chogadh an Africa. Tha e air a radh gu bheil an luchd-obrach air an rathad-iaruinn an deigh ardachadh tuarasdail fhaotainn. Cha’n eil an t-ardachadh gle mhor, coig sentichean ’san latha, ach thig sin fhein gu suim mhath an ruith na bliadhna. Tha ’n cogadh a nise dol leis an arm Bhreatunnach na ’s fhearr na bha e; agus tha daoine tighinn gu bhi dhe ’n bharail gu bheil a chuid a’s miosa thairis. Tha na Breatunnaich ’gan sior neartachadh fein, ’s a reir coltais tha na Boers a lagachadh gach latha. Tha buidheann bheag de na Fenians anns na Staidean aig an am so bruidhinn air bristeadh a stigh air Canada, ach cha’n eilear a cur suim sam bith nan cuid boilich. Ma thig iad thar criochan Chanada, cha bhi fada gus an till iad air an ais, na’s glice agus na’s goirte na bha iad a tighinn. Tha ’n ard-pharlamaid ri bhi cruinn air a cheud latha dhe’n ath mhios. Tha sin na’s traithe na’s abhaist dhi bhi cruinn, agus bidh sin na’s fhearr, oir gheibhear gnothuichean na duthcha chur air doigh mu’n tig teas an t-samhraidh. Tha duil ri parlamaid Nobha Scotia bhi cruinn air an treas latha fichead dhe’n mhios so. Gabhaidh luchd-leughaidh MHIC-TALLA a leisgeul air son a bhi latha air deireadh agus car gann de naigheachdan air an t-seachdain so ’s air an t-seachdain s’a chaidh. ’Se ’s aobhar dha sin gu bheil am fear-deasachaidh tinn, agus nach ’eil e ’na chomas ’obair a dheanamh cho riaghailteach ’s is abhaist. Tha sinn ag innse so a chum gu’m bi fhios aig gach aon ciod a chur maille air a phaipeir an da sheachdain so. Nuair a thig deigh laidir air an acarsaid air a gheamhradh so, tha bat’-aiseig de sheors’ ur gu bhi ruith eadar an da bhaile. ’Se sin bata deighe air a ghiulan le neart smuide. Bidh e deich air fhichead troigh a dh’fhad, agus ochd troighean a leud. Bidh cuidhlichean-taoibh air mar a th’ air na seann bhataichean-smuide, agus stuib annta leis an greimich iad air an deigh, mar sin a cur a bhat’ air adhart. Giulainidh an uidheam annasach so deich duine fichead. Thatar ga thogail an Sidni Tuath, ’s cosgaidh e corr us mile dolair. Chaidh nighean og d’ am b’ ainm Hilda Blake, a chrochadh ann am Brandon, Manitoba, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, air son mort a bana-mhaighstir, Mrs. Lane. Chaidh tagradh a chur dh’ ionnsuidh an ard-riaghlaidh air son a beatha leigeil leatha, ach cha d’ fhuair e eisdeachd sam bith—ni a tha ceart gu leor. Thug luchd na Cusbuinn anns a phort so, a stigh fichead mile dolair ann an cisean air a mhios a chaidh seachad. Air a mhios cheudna a bhliadhna roimhe sin, cha d’ thugadh a stigh ach gann tri cheud gu leth dolair. Tha so ag innse ann am beagan fhacal, an atharrachadh a tha air tigh’nn air seana bhaile Shidni. Chaidh sabhal le fear Seumas Wood, ann am Brechin, Ont., a losgadh aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh duine aig an tigh aig an am ach Iain Wood, athair an fhir leis ’m bu leis an sabhal, agus chaill esan a bheatha anns an teine. Thatar a deanamh a mach gur ann a feuchainn ris na h-eich ’s an crodh a shabhaladh a bha e ’nuair a fhuair an teine greim air. POSAIDHEAN. —Ann an Truro, air an 19mh latha de Desember, leis an Urr. Iain Mac-an-Toisich, a Hopewell, an t-Urr Alastair S. MacNeill, a Orwell, E. P. I., agus Anna Dhonnelly, a Bhaile-’n-Righ, Ontario. —Ann am Belfast, E. P. I., air an 27mh latha de Desember, leis an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, Alasdair Mac Leoid, a Orwell, agus Ida Dixon a Belfast. BAS. —Ann an Orwell, E. P. I., air an 23mh latha de Desember, Iain D. Mac Leoid, da fhichead us da bhliadhna dh’ aois. Nithean gu Bhi[?] [?]an Teagasg do’n Oigridh. Ulluich do mhac air son teagasg trathail, agus cleachd ’inntinn ri briathran na firinn. Dean faire thairis air aomadh agus air run ’inntinn. Cuir ceart e an am ’oige, agus na ceadaich do dhroch cleachdadh sam bith fas agus neartachadh le ’bhliadhnaibh. Mar so cinnidh e mar ghallan aluinn air uchd na beinne; agus chithear a cheann ri uine os cionn uile chraobhan na coille. Tha mac aingidh ’na chulaidh-mhaslaidh d’a athair; ach esan a ghiulaineas e fhein gu ceart, tha e na urram d’a cheann liath. Teagaisg umhlachd do d’ mhac, agus beannaichidh e thu. Teagaisg macantas dha, agus cha bhi naire air. Teagaisg taingealachd dha, agus builichear sochairean air. Teagaisg seirc dha, agus coisnidh e gradh. Teagaisg measarrachd dha, agus bidh slainte aige; teagaisg gliocas dha, agus bidh agh agus cinneas air. Teagaisg ceartas dha, agus coisnidh so dha meas an t-saoghail. Teagaisg treibhdhireas dha, agus cha’n agair a chridhe fein e. Teagaisg dha bhith aghartach, agus meudaichidh a mhaoin. Teagaisg dha fiughantachd, agus bithidh ’inntinn air a h-ardachadh. Teagaisg dha ard-ealain agus fod, agus bidh a bheatha feumail. Teagisg dha diadhachd, agus bidh a bhas sona. A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle THA AGAINNE Cotaichean agus Colairean Bein, Tha toil againn an Creic, Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean. J. C. MILLS. Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. [TD 206] [Vol. 8. No. 26. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 203.) Lean Amgiad i gle aindeonach a steach do ’n taigh, agus ghabh iad air an aghart gus an d’ rainig iad seomar mor, maiseach lan innsridh far an robh bord mor air an robh a h-uile seorsa bidh. Air a’ bhord-taoibh bha measan dhe gach seorsa, agus botuil lan fiona. An uair a chunnaic Amgiad na nithean so bha e cinnteach nach robh am bas fada uaithe. “Amgiad bhochd,” ars’ esan ris fhein, “cha’n fhada gus an eirich dhuit mar a dh’ eirich do d’ bhrathair Asad!” Ach bha aoibhneas gu leor air a’ mhnaoi-uasail an uair a chunnaic i na bha roimpe ’s an t-seomar. “Mo thighearna,” ars’ ise, “c’ar son a bha eagal ort nach robh deisealachd gu leoir air a dheanamh air do choinneamh? Rinn do sheirbhiseach barrachd air na bha thu an duil. Ach mur ’eil mise air mo mhealladh rinneadh an deisealachd so air son te eile, agus cha b’ ann air mo shon-sa. Coma co dhiubh, thigeadh i. Cha bhi eud sam bith ormsa rithe. Cha’n ’eil mi ag iarraidh ort a dh’fhabhar ach gu’n leig thu dhomhsa a bhith ’frithealadh dhut fhein agus dhise.” Ged a bha Amgiad fo mhor dhragh inntinn aig an am, cha b’urrainn e gun ghaire a dheanamh an uair a chual’ e mar a labhair i. Ged a bha e ’smaointean air iomadh rud eile aig an am, thuirt e, “A bhain tighearna, cha ’n ’eil cuisean idir mar a tha thu ’smaointean. Is e so an seorsa dinnearach a th’ agamsa an comhnuidh. Creid mise, cha d’ rinneadh ullachadh mor sam bith.” O nach b’ urrainn e toirt air fhein suidhe aig bord nach d’ ulluicheadh air a shon, bha e ’dol a shuidhe air langsaid, ach cha leigeadh a’ bhean-uasal leis. Thuirt i ris, “Suidh aig a’ bhord; feumaidh gu’m bheil an t-acras ort an deigh tighinn as an taigh-fharagaidh. Gabhamaid ar biadh, agus cuireamaid seachad an uine le toileachas inntinn cho math ’sa dh fhaodas sinn.” Ghabh Amgiad a comhairle, ach cha b’ann le thoil. Shuidh iad le cheile aig a bhord, agus thoisich iad ri ’m biadh. An uair a dh’ ith a’ bhean-uasal beagan, thug i lamh air botul fiona agus air glaine, agus an uair a lion i n’ ghlaine, dh’ ol i air slainte Amgiaid. An sin lion i glaine eile dhasan, agus dh’ ol e air a slainte-se. Mar bu mho a bha Amgiad a’ smaointean air an dol a mach a bh’ aca le cheile aig a’ bhord, is ann bu mho a bha dh’ ioghnadh air nach robh fear an taighe ’tighinn. A bharrachd air so, bha ioghnadh mor air gu’m biodh taigh mor, briagha le pailteas innsridh is bidh is dibhe gun uiread is aon seirbhiseach ann. “Is e gnothach fortanach a bhios ann ma dh’ fhanas fear an taighe gun tighinn gus am faigh mise as na clibistean so,” ars’ Amgiad ris fhein. Am feadh ’s a bha esan air a lionadh le iomadh smaointean mu’n ghnothach amaideach a rinn e, agus mu ’n chumail anns an robh e aig an am, bha ise gu trang ag itheadh ’s ag ol, agus bha i ’ga bhrosnachadh-san gus a chuid dhe’n bhiadh ’s dhe ’n deoch a ghabhail cho math rithe fhein. Bha iad gus a bhith ullamh dhe ’m biadh an uair a thainig fear an taighe thun an doruis. Thachair gu’m buineadh an taigh do Bhahadar, am maighstir a bh’ air eich an righ. Bha taigh eile aige anns am bu ghnath leis a bhith ’gabhail comhnuidh. Bha ’n taigh so aige gus a bhith cur seachad corra fheasgar ann maille ri cuid dhe dhluth chairdean. An uair a bhiodh toil aige am feasgar a chur seachad anns an taigh so, bheireadh e fa near biadh is deoch, agus gach ni feumail eile, a chur do’n taigh. Agus an lath’ ud fhein bha na seirbhisich an deigh a h-uile deisealachd a dheanamh air son am maighstir agus nan cairdean a bha gus am feasgar a chur seachad comhladh ris, anns an am ’s an deachaidh a’ bhean-uasal agus Amgiad a steach. Thainig Bahadar mar bu mhath leis ann an deise duine chumanta, a chum nach aithnichteadh e, agus cha robh aon seirbhiseach comhladh ris. Rainig e an taigh beagan uine mu’n robh duil aige ri ’chairdean; agus bha ioghnadh gu leor air an uair a fhuair e a’ ghlas air a bhristeadh, agus sluagh anns an taigh. Chaidh e steach cho failidh ’s a b’ urrainn e. Agus an uair a chual’ e an comhradh taitneach agus an ceol-spors a bh’ aig an fheadhain a bha ’nan suidhe aig a’ bhord, ghabh e suas gus an d’ rainig e an talla. Chuir e a cheann a steach air an dorus feuch am faiceadh e co bh ann. An uair a chunnaic e duine og agus boirionnach og ’nan suidhe aig a’ bhord ag itheadh a’ bhidh a dh’ ulluicheaidh air a shon fhein agus air son a chairdean, agus nach robh mor chron deanteadh, chuir e roimhe gn’m feuchadh e ris a’ ghnothach a bh’ann a thionndadh gu ceol spors dha fhein. Bha culaobh na mna-uaisle ris, agus cha’n fhaca i idir e; ach chunnaic Amgiad anns a’ mhionaid e. Anns an am bha ’ghlaine aige ’na laimh, agus e dol g’a h-ol. An nair a thug e an aire do Bhahadar, thainig atharr- THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Ma tha thu air sliabh nan orduidhean, na seall ’na d’ dheigh air na nithean truaillidh a dh’ fhag thu anns a’ chomhnard, mar a rinn bean Lot. Ma tha thu anns an airc, na falbh am mach mar a rinn am fitheach, a chum a bhith ’tighinn beo air na nithean truaillidh a gheibh thu anns an t-saoghal. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 207] [Vol. 8. No. 26. p. 7] achadh dath air. Ach smeid Bahadar air gus e thighinn far an robh e, agus gun guth a radh. An uair a dh’ ol Amgiad na bh’ anns a’ ghlaine dh’ eirich e. “C’ait’ am bheil thu ’dol?” ars’ a’ bhean-uasal. “Dean stad far am bheil thu. Tha gnothach beag agam am mach as an t-seomar. Bidh mi air ais ann an tiotadh,” ars’ Amgiad. Bha Bahadar. ’ga fheitheamh an taobh am muigh dhe’n dorus, agus thug e leis e do sheomar eile far nach cluinneadh ise ciod a bhiodh iad ag radh. Dh’ fheoraich Bahadar dheth cia mar a thainig a’ bhean-uasal do’n taigh, agus c’ar son a bhrist iad an dorus. “Mo thighearna,” ars’ Amgiad, “tha e reusanta gu leor dhut a smaointean gu’m bheil mise ciontach de ghniomh gle mhi-iomchuidh; ach ma dh’ eisdeas tu gu foighidneach riumsa, tha dochas agam gu’n leig mi ris dhut gu’m bheil mi neo-chiontach.” An sin dh’ innis e dha gu saor, soilleir a h-uile car mar a thachair. Agus gus a dhearbhadh dha nach b’ fhiach leis gniomh cho suarach a dheanamh ri bristeadh a steach do thaigh sam bith, dh’ innis e dha gu’m bu mhac righ e, agus an t-aobhar air son an d’ thainig e do bhaile nan draoidhean. (Ri leantuinn.) Am Feillire. DESEMBER, 1899. 1 Di-haoine Bas Raibeart Mac-Shim, 1768. 2 Di-satharna 3 DI-DONAICH I. Donaich dhe’n Teachd. 4 Di-luain Breith Thomais Charlile, 1795. 5 Di-mairt 6 Di-ciaduin Breith an t-Seanalair Monc, 1608. 7 Dior-daoin 8 Di-haoine Breith Banrigh Mairi, 1542. 9 Di-satharna Breith Raibeart Dhundais, 1685. 10 DI-DONAICH 11 Di-luain Bas Thearlaich na Suain, 1718. 12 Di-mairt 13 Di-ciaduin Bas an ollaimh Mac Iain, 1784 14 Dior-daoin 15 Di-haoine 16 Di-satharna Cogadh na Spainnde, 1718. 17 DI-DONAICH III. Donaich dhe’n Teachd. 18 Di-luain [17] Fogradh Righ Sheumas VII., 1689, 19 Di-mairt 20 Di-ciaduin Bas an ridir Iain Mac-na-Ceardrich, 1836. 21 Dior-daoin 22 Di-haoin Breith an ard easbuig Tait, 1811. 23 Di-satharna 24 DI-DONAICH IV. Donaich dhe’n Teachd. 25 Di-luain Bas Sheumais Mhic-an-Rothaich, 1870. 26 Di-mairt 27 Di-ciaduin An fheill Eoin. 28 Dior-daoin Bas Rob Ruaidh, 1734. 29 Di-haoine Breith Thearlaich Mhic-an-toisich, 1766 30 Di-satharna 31 DI‘DONAICH MUTHADH AN T-SOLUIS. An Solus Ur, L. 2, U. 8, M. 34 F. A Cheud Chairteal L. 9, U. 4, M. 49 F. An Solus Lan L. 16, U. 9, M. 17 F. An Cairteal mu Dheireadh L. 24, U. 11, M. 24 F. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 208] [Vol. 8. No. 26. p. 8] Air Dhomh Deoch de Dhroch Uisge Fhaotainn. LE MAIRI NIC EALAIR. SEISD.— O hi-ri ho raill o, Raill o, ho raill o, O hi-ri, ho ralll o, Mo chridhe trom, ’s cha neònach. ’S e ’chuir mis’ a dheanamh duain. ’Mheud ’s a chuireadh orm de ghruaim, Leis an deoch de uisge ruadh A fhuair mi an Hanobhar. O hi-ri, &c. ’S ainneamh ’chaochail sruth os cionn A’ chlabair a bha ann an grunnd Na h-aibhne a bha ruith gun sunnd Le burn nach tugadh solas. Coma leam an t-uisge glas, Coma leam a dhreach ’s a bhlas, ’S mor gu’m b’fhearr na feadhain bhras A thig bho chais nam mor-bheann! Cha robh fionnarachd ann riamh Mar bha ’n sruthanan nan sliabh, ’Chuireadh fallaineachd an cliabh Gach iotmhor a ni ol asd’. ’S i mo run-sa tir nam beaun— Abhainn fhior-uisg’ anns gach gleann; Torman binn aig mile allt, ’S iad mar bhean-bainns’ an ordugh! Comhdach min-fheoir air gach bruaich, Laist’ le rosan ’s boi’che snuadh; ’S gur h-ioschlainteach a sruthain fhuar, Nach cruadhaich a’ ghaoth-reoite. A thir an fhior-uisg’, ’thir mo chridh, ’S beag an t-ioghnadh ged a bhiodh An ros ’s an lili a’ cur strith An gruaidhean mine-t-oigridh! ’S neartmhor t-osag leam, ’s is ur, Ag eirigh luchdaichte le tuis, ’N uair tha ghrian ag ol an druchd Bho d’ thrusgan flurach, boidheach. Cha b’ ioghnadh Deorsa ’bhi an diomb Ris an og d’ an d’ thug thu run; Bu tu ’n neamhnaid ann na chrun, A ’s cha b’ i duthaich oige. ’S ged tha mis’ an so air chuairt, Tha ’n “Gleann-Comhann” eutrom luath; ’S ’n uair a theid a siuil a suas, ’S ann tuath a ni mi seoladh. ’S ’n uair ruigeas mise tir an aigh, Tir mo dhaimh, a’s luchd mo ghraidh, Naille! theid mi fhein gun dail, A dh’ol mo shath a Lochaidh! Breacan Mairi Uisdein. LE IAIN MAC ILLEATHAIN. [An uair a thainig muinntir tigh-soluis na Sgeire-moire an toiseach do Thirithe. ’se feadhainn Ghallda a bh’ annta, nach fhaca breacan riamh. Bha Mairi Uisdein ’n a nighinn ghloin, speisealta, math air deilbh ’s air sniomh, ’s rinn i dhoibh am breacan, do’n deachaidh an t-oran a leanas a dheanamh.) SEISD.— ’S e ’m breacan lurach, fasanda Nach fhaighear anns na buithean; Tha dubh, tha geal, tha sgarlaid Ann am breacan Mairi Uisdean, Tha ’m breacan measail, ainmeil so, Measg gharbh-chrioch agus stuc-bheann, ’S o ’n dhealbhadh dhuinn le Mairi e, Chaidh feadh gach aite cliu air, Bho’n chuala Clann nan Gaidheal e, Na chunnaic cach le ’n suilean, Tha Clann nan Gall ga’m boradh leis, Am baile mor ’s air duthaich. M’an cumur anns’ an fhasan e Gu deise ’mhac an Diuca, Bidh obair mhor aig taileirean, Air breacan Mairi Uisdein. ’N uair theid gach sreath air fhiaradh dheth, Le sioda liath ri chul-thaobh, Bi earradh ur do ’n Bhan-righ Ann am breacan Mairi Uisdein. ’S lionmhor laoch, le brogan fraochain, Thig gu faoilidh, sunndach, Fo earraidh sgeanail Gaidhealach De bhreacan Mairi Uisdein. Gach teaghlach rioghail bh’ anns’ na glinn Fad tim roi linn a’ Phrionnsa, ’S an clann ’n an deigh, tha gradh aca Air breacan Mairi Uisdean. Tha leoghann, bradan tarragheal glas, Lamh dhearg, a’s dealbh a’ chruin air, Ceann tuirc a’s feidh, mar sgathan, Leight’ air breacan Mairi Uisdein. Bidh glaodh crois-tarr a’s piob dhos ard ’S claidheamhan stailinn ruisgte; ’S e ’s comhdach-blair do Chlann nan Gaidheal, Breacan Mairi Uisdein. Chaidh naigheachdan do dh’Ile air, Do Cheann-tire, Ghigha, Dhiura; Tha Muil’, tha Coll’ air bhainidh Air son breacan Mairi Uisdein. Tha Comhal, Bod a’s Arainn, Tha Braid-Albann, Lathurn, Muideart, ’S Morairne nam beann arda Cluich mu bhreacan Mairi Uisdein, Bho chriochaibh garbh taobh tuath na h-Alb Thig fir chalma, lughar, A’ tagradh coir air pairt bhi ac’ De bhreacan Mairi Uisdean. Ach ’s coir dhainn crioch le reit’ thoirt dha, M’ an dean Prionns Tearlach dusgadh, ’S m’ an tog e spiorad ardnach, Mu bhreacan Mairi Uisdein. Piobaireachd Dhomhnuill Duibh. Piob’rachd Dhomhnuill Duibh, piob’rachd Dhomhnuill. Duisg do ghuth borb as ur, gairm Clann nam Morbheann, Tionailibh, tiugainnibh, eisdibh an t-ordugh! Thigibh ’n ’ur cath-uidheam, ceathairne ’s mor-dhaoin’. Thall bho gach gleannan’ gach monadh is sgorbheann, Tha phiob-mhor ’s a’ bhratach air faich’ Inbhir-Lochaidh. Thigeadh fo’n bhreacan gach cridh fior gu sunndach, Gach cruaidh-lann, is lamhann bhios laidir gu’n giulain. Fag gun bhuachaill a’ ghreigh, na treudan gun fhasgadh, Fag gun adhlac na mairbh, bean-na-bainns’ aig an altair. Fag am fiadh, ’s an t-og-dhamh, gach lion agus bata! Thigibh le ’ur cath-airm, gach claidheamh-mor ’s targaid. Thigibh mar ghaoith ’thig ’n uair reubar na coilltean, Thigibh mar thuinn ’n uair bhios feachd-mara claoidhte, Greasaibh, is tiugainnibh, thigibh na’s luaidhe. Gach uachdaran, iochdaran, tighearna ’s tuathanach, Nach luath iad a’ tional nach faic sibh a chomhdhail, ’S mor luasg ite ’n fhir-eun, ’s i measgte le fraoch cro-dhearg. Tilgibh gach breacan, gach lann biodh an ordugh. Piobaireachd Dhomhnuill Duibh triall thun na comhraig. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An Seorsa ’s Fhearr air an t-Saoghal. Gun srad Pronnaisg Annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 209] [Vol. 8. No. 27. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 12, 1900. No. 27. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. II. An uair a thug an sgiobair mu ’n cuairt am bàta, b’ fheudar dha tuilleadh aodaich a chur rithe. Bha dà aobhar aige air son so a dheanamh. Bha’n fhairge ag éirigh cho àrd ’s gu robh tonn is tonn an dràsta ’s a rithist a’ stealladh a steach air an deireadh aice, agus le tuilleadh aodaich a thoirt dhi bha fhios aig an sgiobair gu’m biodh a dh’ astar aice na bheireadh oirre ruith roimh ’n ghaoith cho luath ’s nach biodh uiread de chothrom aig na tuinn gu bristeadh a steach air an deireadh aice. A bharrachd air sin, thug e an aire gu robh an tuim a’ fas ni b’ àirde na bu chòir dhi bhith, a dh’ aindeoin cho dichiollach ’s cho cunnabhallach ’s a bha iad ’g a taomadh, agus thuig e gu robh i air fàs ao-dionach an àiteiginn. Cha do leig e dad air ri neach a bh’ air bòrd; oir bha fhios aige gu rachadh iad ’n am boil, agus gu’m biodh iad gun fheum, nam biodh mothachadh aca air a’ chunnart anns an robh iad. Cha robh duine seach duine de na bh’ air bòrd ag ràdh facal. Bha fuaim na gaoithe ’s gàir na mara a’ cur eagail orra. Cha robh Canaidh ri fhaicinn idir; oir bha siabach throm uisge air sileadh. Bha eagal air cuid diubh nach amaiseadh an sgiobair air beul na h-acarsaid. Ach is beag a ruigeadh iad a leas. Is gann nach deanadh e am mach an acarsaid air dubh a’ mheadhain oidhche. Bha e anabarrach beachdaidh, agus cha robh bogha, no sgeir, no gob rudha, no bàgh, no sruth, no seolaid a chunnaic e riamh, o’n latha ’thoisich e ri falbh le bàta, nach robh fa chomhair sùil na h-inntinn aige a’ cheart cho soilleir ’s ged a bhiodh iad mu ’choinneamh anns a’ chairt-iùil. Bha feum aige air sin iomadh uair, ach gu h-araidh air an fheasgar fhliuch, ghruamach, dhòrch’ ud. Ach ma bha e beachdaidh, geur-chuiseach, bha fhios aige fhein air glé mhath, agus bha moit gu leòr air air a shon. Bha iad gu math dhlùth air cladach Chanaidh mu ’n d’ thug iad an aire dha. Agus bha iad a’ deanamh cho dìreach air beul na h-acarsaid ’s ged a bhiodh an latha geal, grianach ann. Aig an àm bha ’ghaoth a’ teannadh ri sìoladh sios gu math. Agus an uair a chaidh iad do’n fhasgadh ’s a rinn am bàta air a socair thoisich an aodein ri fas ni bu mhò ’s ni bu mhò. Thachair gu robh am fear abarta, a bha cho deas gu bruidhinn ’s a mhaduinn, aig an àm gu trang ’ga taomadh. “Is ann ’na uair a ràinig sinn an acarsaid; tha mi ’faicinn gu bheil i air fas cho ao-dionach ris a’ chiathrar,” ars’ esan. “Ge b’e air bith mar a tha ’m bàta, tha do bheul-sa ao-dionach gu leor. Cuir am mach an tuim sin gu h-ealamh. Cha’n e cabaireachd bhruidhne a tha dhith oirnn an dràsta ach obair. Cha robh rath riamh air na daoine luath-bheulach. Eachainn, bi deas gus an seol-toisich a thoirt a nuas an uair a dh’ iarras mise ort,” ars’ an sgiobair. “Abair thusa na thogras tu, ach tha mise ag innseadh dhut gu bheil am bàta air sgaoileadh o a druim dìreach. Tha ’n t-uisge a’ bruchdadh a steach mu m’ lamhan mar gu’m biodh suil-chritheach ann,” arsa Seumas Ban; oir b’e so ainm an duine òig a bha bruidhinn ris an sgiobair. “Ma chluinneas mi an ath fhacal agad, a Sheumais, ni mi bogadh-feannaig ort anns an tuim. An uair a gheibh thu do chas air tir faodaidh tu, ma thogras tu, a bhith bruidhinn gus an tùch ort,” ars’ an sgiobair. Ach anns an fhacal thoisich am bàta ri sìoladh fo’n casan. Gu fortanach cha robh i fad o thìr, agus chaidh aca air a toirt gu àite grunnachaidh mu’n do bhuail i an grunnd. Leum iad uile am mach aisde, agus thoisich iad ri toirt nan cisteachan uighean aisde; ach o’n a bha e tabhairt lionaidh aig an àm b’ fheudar dhaibh leigeadh leatha mar a bha i, ged a bha fhios aca gu ’m biodh earrann de na h-uighean air a dhol o fheum nam biodh iad fo ’n mhuir gu Di-luain. Tha e coltach gu ’n do thoisich am bàta ri sgaoileadh an uair a bha iad a’ beiteadh air an aghaidh eadar Canaidh is Rùm. Ach bha cudthrom agus neart na mara a’ cumail nam bòrd cho dlùth ri chéile ’s nach robh iad a’ mothachadh gu robh i cho ao-dionach ’s a bha i. Cha robh e ’na ioghnadh ged a dh’ fhàs i ao-dionach; oir bha’n luchd car trom. Nan do thachair sìde mhath riutha cha b’eagal daibh. Ach an uair a’ sheid a’ ghaoth ’s a dh’ éirich an fhairge, chriothnaich na fiodhanna cho mòr ’s gu’n d’ fhuasgail cuid de na tairneann-barraidh a bh’ anns an fhliuch-bhord aice. An uair a chuir iad mu cuairt i ’s a thug iad an aghaidh air Canaidh, bha leithid a dh’ astar aice ’ga dheanamh ’s gu robh neart na mara ’g a cumail ri ’cheile. Ach cha bu luaithe a ràinig iad fasgadh na h-acarsaid na thòisich i ri lionadh. Nan do lean iad air a taomadh, is dòcha gu rachadh aca air an laimhrig a thoirt am mach. Ach bha iad toilichte gu leòr aon uair ’s gu’n d’fhuair iad greim air leud am buinn de thìr. Nochd muinntir Chanaidh caoimhneas mòr dhaibh. Chunnaic cuid diubh am bàta a’ tighinn a steach do ’n acarsaid, agus dh’ aithnich iad air cho trom ’s a bha i, gu robh i ann an cunnart a dhol fodha mu ’n ruigeadh i tìr. Ghrad chaidh àireamh mhath dhiubh sìos thun a’ chladaich far an robh iad, agus thug iad dhaibh gach cuideachadh a’ b’ urrainn dhaibh. An uair a chunnaic iad gu robh na daoine bochda fliuch, fuar, thug iad orra a dhol comhladh riutha a dh’ ionnsuidh nan taighean, far an d’ fhuair iad aodach tioram, agus biadh is blàths. Agus gu dearbh bha iad uile glé fheumach air a h-uile cuid diubh. Bha biadh gu leor aca ’s a’ bhàta, ach ged a bha, cha robh sunnd orra gu biadh a ghabhail, agus ged a bhitheadh, cha’n fhaigheadh iad ùine air a dhol ’na dhàil. An uair a bhios daoine a h-uile mionaid ann an cunnart bathaidh, is e teannadh ri gabhail bìdh an obair mu dheireadh air an smaoinich iad. Ged a bha sgiobadh a’ bhàta, agus an luchd-turuis a bha maille riutha glé thaingeil do Dhia, araon air son gu’n d’ fhuair iad an cas air tìr, agus air son a chaoimhneis a nochd na daoine còire dhaibh, gidheadh bha iad trom-inntinneach a chionn gu robh earrann mhòr de ’n cuid de’n t-saoghal air thuar a bhith dhith orra. Bu leis a’ cheathrar de luchd-turuis an luchd a bh’ anns a’ bhàta. B’e uighean a’ chuid mhòr de’n luchd, agus b’ e ìm is càise an corr dheth. Anns an àm ud, ged a bha uighean pailt anns na h-Eileanan an Iar, cha robh orra ach prìs bheag. B’e trì sgillinn an dùsan a’ phrìs a b’ àirde a gheibhteadh orra ’s an dùthaich. Bha na marsantan ’g an gabhail air a’ phrìs so air son bathair, agus gu math tric bhiodh iad a’ falbh le bàtaichean gu ruige Grianaig is Glasacho a dh’ iarraidh bathair, agus a’ toirt leotha cunntas mhìltean uighean. Cha robh doigh eile aca air bathar a thoirt a dh’ eileanan iomallach na Gàidhealtachd aig an àm. Cha robh na bàtaichean-smùide ri’m faicinn aig an àm ud ach ainneamh ann an àite sam bith air taobh an iar na h-Alba, saor o chorra bhaile-puirt. Ach mar bu trice b’ e luchd-bhàtaichean, agus daoine òga tapaidh, oidhirpeach eile, a bhiodh a’ falbh as an dùthaich leis na h-uighean. Bhiodh iad ’g an ceannach o na marsantan agus ’g an cruinneachadh le bascaidean o thaigh gu taigh. An uair a bhiodh luchd bàta aca dh’ fhalbhadh iad leotha do na bailtean-mòra. Uair a dheanamh iad deadh bhuannachd orra, agus dà uair nach deanadh. Bhiodh marsantan Ghrianaig is Ghlasacho gu math tric a’ gabhail brath orra, agus a ceannach nan uighean uapa an ionsa ’bhith nasgaidh. Air uairean bhiodh cuid de na h-uighean nach biodh fallainn gu leòr, gu h-àraidh an àm an t-samhraidh; agus leagadh so prìs chàich gu mòr. B’ ann a chum an reic air bhuannachd a dh’ fhalbh an ceathrar luchd-turuis a bh’ anns a bhàta leis na h-uighean. Bha triùir dhiubh ’nan daoine òga gun phòsadh, agus cha robh aca eatorra ’n an triùir ach mu leith luchd a’ bhàta de na h-uighean. Bu le Aonghas mac Alasdair—an ceathramh fear—an leith eile de ’n luchd. Bha Aonghas ’na dhuine cho glic ’s cho dichiollach ’s cho onarach ’s a gheibhteadh anns an dùthaich gu léir. Dh’ fhaoidteadh nì sam bith earbsadh ris; oir b’ fhearr leis am bàs fhulang na gu ’m biodh duine sam bith comasach le firinn air nì cearr a chur as a leith ann an cainnt, no ann an gnìomh, no ann an gealladh. O nach robh aige ach tuilleadh is beag a dh’ fhearann air son cumail suas a theaghlaich, bha e gu dìchiollach a’ feuchainn ri beagan a chosnadh ann an dòigh onarach sam bith anns an rachadh aige air sin a dheanamh. Air an t-samhradh ud, o nach robh obair sam bith ri fhaotainn leis an coisneadh e tuarasdal, chomhairlich Muruchadh Ban, an ceannaiche, dha falbh as an dùthaich le uighean. “Bheir mi fhein dhut na bhios agam a dh’ uighean, agus bheir mi dhut coig puinnd Shasunnach a dh’ airgiod an iasad gus am pàigh thu iad le buannachd nan uighean,” arsa Muruchadh. “Tha sin glé mhath agus glé chaoimhneil dhuibhse, a Mhuruchaidh; ach [TD 210] [Vol. 8. No. 27. p. 2] tha eagal ormsa, ged a ghabhainn an deadh thairgse a tha sibh a’ toirt dhomh, nach dean mi feum sam bith dhi. Mur teid a’ chùis leam cha dean e ach mo chur ann an fiachan troma. Chuir mi romhan riamh gus an latha ’n diugh nach biodh a dh’ fhiachan orm ach na rachadh agam air a nhàigheadh a h-uile bliadhna. Nan do ghabh mi comhairle m’ athar, cha cheanaichinn nì sam bith ach le airgiod ullamh. Cha robh sgillinn aig duine riamh air. Is iomadh uair a thuirt e rium gur i an dàil a bha ’cur nu h-earran a’s mò de shluagh na dthcha dh ann am fiachan.” “Cha’n ’eil mise deonach duine sam bith a chur ann am fiachan; ach nan gabhadh tusa mo chomhairle bheireadh tu an oidhirp air beagan a chosnadh air an doigh a tha mi ’g iarraidh ort. Mar a tha ’n sean fhacal ag radh, “Ge b’e nach toir oidhirp cha’n fhaigh e air aghart gu brath.” “Tha sin fìor gu leor, a Mhuruchaidh,ach ma bheir fear oidhirp air rud a dheanamh nach aithne dha, bidh e ni ’s miosa a’ sgur na bhios e toiseachadh.” “Tha mi cinnteach gur math leat do chomhairle a chur ris a mhnaoi an toiseach.” “Cha rachainn an ceann gnothaich bu shuaraiche na sid gun mo chomhairle a chur rithe. Bha chomhairle mhath aice riamh o’n latha a chuir mise eòlas oirre an toiseach. Agus tha mi cinnteach nach chomhairlich i dhomh deanamh mar a tha sibhse ag iarraidh orm a dheanamh. Ged a bha sibhse ’n ’ur deadh charaid dhomh o chionn iomadh latha, is fhearr leam fhathast a comhairle-se ’ghabhail na bhur chomhairle-sa,” ars’ Aonghas. “Tha thu ceart gu leòr, ’Aonghais. Bi falbh dhachaidh, ma ta, agus cuir do chomhairle rithe. Na bi fada gun tighinn far am bheil mise le fios ciod a bhios ’n ’ur beachd a dheanamh.” (Ri leantuinn.) TURUS NA “VANDORA” GU ST. PIERRE. LE CALUM. Mu chuairt air leth-cheud bliadhna air ais, bha na ceud daoine thainig gu ruige St. Ann’s nan seann daoine, ach bha an clann air fas suas agus comasach air an cuideachadh air muir ’s air tir. Bha mun àm so moran de shoithichean beaga timchioll na h-acarsaid, agus leotha sin bhitheadh iad gu math tric a dol a null gu ruige St. Pierre le crodh ’us caoraich, ’us nithean eile. Cha bhitheadh iad fad’ a ruith a null ’sa nall; agus mar sin, cha bhiodh iad a toirt leotha ach gle bheag do bhiadh—direach na dheanadh an gnothach. ’S minic a thug so eiginn orra ris nach robh suil aca. Bha na daoine òg gu math calma, fearail, misneachail; ach bha moran de na seann daoine, ged bha iad calm’ air tir, nam fior ghealtairean air a mhuir. Bha ’san àm so soitheach beag aig Mac Mhurchaidh ’ic Leòid, (Murchadh Mor, mar theireadh iad ris), da ’n ainm Vandora, a bheireadh leatha mu thimchioll deich cinn fhichead chruidh. Cha robh i na soitheach a bha gle shàbhailte air muir; oir, an uair bha i air na stoic, agus iad ga tearradh, ghabh i teine, ’us mu ’n d’ fhuair iad a cuir as bha am planc aic’ air fas co tana ’s nach cumadh e ’n calcas, is ’nuair bhitheadh i ann am fairge throm bhitheadh i deanadh ao-dion. Bha te ùr eile ac’ air na stoic, agus bha, mar sin, na Vandora air a leagail suas. An deigh na curachd bha cuid de sheann daoine timchioll na h-acarsaid air son gu ’n rachadh Aonghas Mac Mhurchaidh Mhoir le crodh dhaibh do St. Pierre, ’us gu ’n rachadh iad fhéin maille ris. B’ iad na daoine so Iain Moireastan, Ruairidh Friseal, Ruairidh Ros, (Mac Raonuill), agus Iain “Sgiathanach,” bho bhraighe Ghlinne Mhoir. Dh’ aontaich e dhol maille riutha, agus thug e leis Domhnull Mac Ascuill, duine òg, tapaidh, mar sheoladair. Dol a null mu leith na slighe bha ’ghaoth gu math laidir as an deigh. ’Nuair bha Domhnull a fuasgladh guy an t-siùil thoisich, air son a chuir gus an taobh eile, thainig an crann sgoide gun fhios da, agus thilg e mach e. Bhuail e air a dhruim direach air an uisge, mar gum bualadh e air bord. Thionndadh e, agus thoisich e air snamh an deigh an t-soitheach; ach o’n nach robh guy an t-siùil air fhuasgladh cha d’ thigeadh i thuige dhaibh. Cha b’ urrainn Domhnull mar sin, ged bha e math air snàmh, cumail rithe. Sheas iad air a chlar-uachdair ga choimhead, gun oidhearp air bith a thoirt air a theasairginn, gus na dh’ eigh e riutha am bàta chuir a mach. Bha ’m bàta làn connaidh ’us eile, agus bha na raimh fo ’n fheur air a chlar-uachdair. Ach chaidh na seòid air obair agus fhuair iad am bàta ’chuir am mach; ach bha Domhnull cho fad air falbh ’s nach fhaiceadh iad e; ach ’nuair a dh’ eireadh e air barr nan tonn chitheadh esan iadsan ged nach fhaiceadh iadsan esan, agus dh’ eigheadh e riutha, “Gabhaibh mar so!” Fhuair iad a steach e mu dheireadh, agus sheòl iad air falbh. Cha robh iad fad air falbh ’n uair thainig feith ’us ceò, agus bha an sruth gle laidir ’gan toirt leis an taobh bha e dol. Air an ath latha ’s ann a fhuair iad iad-fein a stigh anns a chladach a’ measg na sgeir-thonn, agus a bheinn mhor os an cionn. Cha robh gaoth ac’ a thogadh air falbh iad, agus bha ’n sruth ’gan toirt gus na creagan. Thilg iad a mach an acaire agus smaoinich iad ciod a dheanadh iad. Nan d’ thigeadh gaoth air aghaidh a chladaich cha robh seòl ac’ air iad fhéin a shàbhaladh. Chunnaic iad geodha beag eadar da sgeir, agus smuainich iad feuchainn ri dol air tir ann sud. Chuir iad a mach am bàta, agus chuir iad innte na bha do bhiadh aca, agus dh’ fheuch iad ri faotainn gu tir. Fhuair iad a steach sàbhailte, agus bha iad an sin ré na h-oidhche sin. Bho nach robh aca ach beagan bidh, agus gu ’n fhios aca c’uin a gheibheadh iad air falbh, ghabh Ruairidh Friseal riaghladh a bhidh. Fhuair esan losgadh a chorraig roimhe; oir bha e air fhuadach air falbh ann an soitheach gillean a Mhinisteir ’ic Leòid, gu ruige cladach Newfoundland, gun bhiadh gun deoch fad moran laithean, gus mu dheireadh an do dh’ ith iad seann chat a bha fada marbh anns an tuime. Bha Ruairidh gu math gann ris a bhiadh, ach cha robh cothrom air. Bha muir co garbh air a chladach ’s nach robh e sàbhailte dhaibh feuchainn a mach gus an t-soitheach. An ceann da latha rinn iad air son feuchainn a mach. Chuir iad na bha de bhiadh aca anns a bhàta, agus chaidh Aonghas ’us Domhnull ’san toiseach gu h-iomaradh, agus shuidh Ruairidh Friseal ’san deireadh. Dh’ fhuirich an triuir eile gus an d’ thigeadh iad ’gan iarraidh a rithist. ’Nuair a bha iad a mach am beul na geodha, thainig an tonn mor agus chaidh a mhullach ’n aird nan stuadh ghorm os cionn Dhomhnull agus Aonghas, agus thainig e nuas air Ruairidh, agus chuir e sios gus a ghrunnd iad fein agus am bàta. A cheud ni a chunnaic Domhnull ’nuair a thainig e an uachdar, da chois Ruairidh nan stoban suas direach as a mhuir; ach cha do chuir e dragh sam bith orra, oir cha b’ ann orra bha aire: ’se bh’ ann gach neach air a shon fein. Bha an triuir a bha air tir ag eigheach ’sa bualadh nam bas, oir bha choltas gu ’n robh am biadh, an t-eathar, us an cairdean a dhith orra. Bha Domhnull ag obrachadh gu tir cho math ’sa dh’ fhaodadh e, ach cha robh Ruairidh ri fhaicinn idir. Bha Aonghas ceangailte ris a bhàta—a ghalas air dol mu chrag. ’Nuair bha Domhnull gu bhi aig tir chunnaic iad Ruairidh air a ghrunnd a tighinn a steach gus a chladach, mar gu ’m bitheadh giomach ann—am muir ga iomain roimhe. Ruith Iain Moireastan a mach na choinneamh agus rug e air, ach thug an tonn am mach iad le cheile, ach chuir an ath thonn suas a dh’ uachdar a chladaich iad, far an do choinnich Domhnull iad gus an cuideachadh. Thainig Aonghas agus am bàta gu tir sàbhailte. Ach bha iad a nise gun bhiadh, agus gun doigh air fhaotainn. Bha iad da latha an sin nan trasgadh. Air uairean bheireadh iad sgriob suas a’ bheinn, ach bha an ceò cho dumhail ’s nach fhaiceadh iad ni sam bith. Mu dheireadh thuirt Domhnull nam faigheadh e neach a rachadh maille ris gu d’ thugadh e ionnsuidh eile air faighinn a mach gus an t-soitheach; oir gum bu cheart cho math leis a bhàthadh ri bàsachadh leis an acras. Thuirt Aonghas gu ’n rachadh esan maille ris. Chuir iad a mach am bàta agus fhuair iad sàbhailte gus an t-soitheach. Bha beagan de mhin-choirce air bòrd, bhleodhainn iad te de ’n chrodh, agus rinn iad stapag, ’us ’n uair a dh’ ith iad am feumalachd thug iad biadh ’us deoch do ’n chrodh. Sin mharbh iad molt agus chaidh iad air tir. Chaithris iad an oidhche sin a ròsdadh us ag ithe na feoile. Air an ath latha rinn iad da ramh mhor air son gu ’n iomairadh iad an soitheach am mach far am faigheadh iad gaoth; ach cha rachadh Ruairidh Ros, no Iain Moireastan, no Iain “Sgiathanach” air bòrd am muigh no mach. Roinn iad an fheoil ’us chaidh an triuir eile air bòrd, ’us dh’ fhag iad iadsan air tir. Dh’ iomair iad an soitheach am mach, agus an ceann beagan ùine dh’ éirich an ceò agus chunnaic iad sealladh air St. Pierre. Dh’ aithnich iad an sin gur ann air cladach Langly a bha iad. Fhuair iad a steach do acarsaid St. Pierre gun tuilleadh dragha. Chunnaic an triuir a dh’ fhàgadh air a chladach nach robh math a bhi fuireach na b’ fhaide. Dh’ fhalbh iad feuch an lorgadh iad taigh, ma bha leithid ri fhaotainn. Bha iad a’ falbh air feadh chreag ’us gharbhlach, uair air an casan, ’us uair air an lamhan, ’us uair air an gluintean; oir bha an spruis cho dluth ann am moran aiteachan ’s nach faigheadh iad troimhe idir. Bha triubhas ùr chlò air Iain Moireastan, ach cha b’ fhada gus an do tholl i air na gluinean, is cha robh e furasda dha aghartas sam bith a dheanamh ’san droineach. Bha triubhas aig Ruairidh Ros air nach robh e cuir feum, is shrac iad i, ’us chuir iad tubhagan air gluinean Iain dhith, gam fuaigheal le freumhan. Cho fad ’sa mhair an fheoil bha chuis gu math, ach theirig i, ’us cha robh taigh no aiteach ri fhaicinn. ’Nuair a bha iad gu toirt suas leis an acras, thainig iad gu abhuinn agus lean iad i an dochas gu ’n toireadh i iad gu cladach. Cha b’ fhada gus am fac iad ròn a’ measg nan clach ’san abhuinn, agus ma chunnaic cha b’ ann air mhi-thapadh a chaidh iad. Ghabh iad dha le clachan ’us le maidean gus na mharbh iad e. Chaithris iad an oidhche sin a ròsdadh agus ag ithe an ròin. Bha mar so am Freasdal caoimhneil riutha. Ged bha gabhaidhean agus trioblaidean a teachd nan caraibh, bha iad a teachd sàbhailte asda, agus a faighean fuasgladh an àm an fheum. Cha ’n ’eil suidheachadh anns am bi an creutair nach bu choir da ni eigin fhoghlum uaithe a bhitheadh feumail da fein, agus, ma dh’ fhaoidte, do [TD 211] [Vol. 8. No. 27. p. 3] mhuinntir eile, ’san àm ri teachd. ’S ann mar sin a bha Samson o shean a deanamh, a toirt “biadh as an itheadar, agus as an fhear gharg millseachd.” Dheanadh sin na trioblaidean nam meadhon teagasg agus foghlum da. Cha ’n ’eil ceist nach robh na h-eiginnean so a deanamh feum dhaibh-san. Lean iad an abhuinn agus fhuair iad gus a chladach, am measg nam Frangach. Rinn iad gle mhath reir sin. Chuir iad soitheach beag leotha gu ruige St. Pierre; agus chuir iad soitheach eile gu ruige an t-aite an robh iad air tir, feuch am faigheadh iad lorg air an t-soitheach, gun fhios nach robh i air a bristeadh air a chladach. Fhuair iad gus a Vandora mu dheireadh. Bha soitheachan beag eile bho St. Ann’s ann an St. Pierre aig an àm, agus on bha, cha rachadh a h-aon aca air bord na Vandora air son tighinn air ais; b’ eiginn do Dhomhnull ’us do Aonghas teachd leotha fein. Air an t-slighe dhachaidh thainig stoirm, agus thoisich an soitheach air deanamh ao-dion. Bha fear mu seach aca aig an stiùir agus aig a phump—tri cheud strac ’san uair—gus na rainig iad St. Anns, agus na ruith iad air tir i. Thainig cach an ceann latha no dha ann an soitheach mac a Mhinisteir ’Ic Leòid, agus tha mi creidsinn nach deach iad a ris do St Pierre. Cha ’n ’eil a h-aon do ’n t-siathnar beò an diugh ach Domhnull. Tha e fathast gu math calma, na dhuine coir, feumail, agus na eildeir ’san Eaglais Chleirich. Tha e leughadh MHIC-TALLA gu math bitheanta; agus tlachd mor aige do litrichean “Bodachan a’ Ghàraidh.” SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXVI. Bha Bahadar gu nadarra gaolach air coigrich, agus bha e toileach gu leor air cothrom fhaotainn air comain a chur air prionnsa og, maiseach mar a bha Amgiad. Oir dh’ aithnich e anns a mhionaid air cainnt, air gluusad, agus air coltas Amgiad gu’m bu mhac righ e. “A phrionnsa,” arsa Bahadar, “tha toileachadh mor orm a chionn gu’m bheil cothrom agam air comain a chur ort aig an dearbh am so. An aite stad a chur air an fheusd a’ agaibh, is ann a bheir e toileachadh dhomh a h-uile cuideachadh n’am chomas a thoirt dhut gus an uine a chur seachad maille ri do bhana-chompanaich ann an doigh cho taitneach agus cho solasach ’s a ghabhas deanamh. Ach mu ’n abair mi an corr mu ’n chuis so, is math leam innseadh dhut gur e Bahadar m’ ainm. Is mi am maighstir a tha os cionn eich righ nan Draoidhean. Mar is trice tha mi ’fuireach ann an taigh eile a th’ agam anns a’ bhaile, agus tha mi ’tighinn uair is uair do ’n taigh so gus greis dhe ’n uine a chur seachad comhladh ri cairdean. Thug thusa air a’ mhnaoi-uasail so a chreidsinn gu ’m bheil seirbhiseach agad, ged nach ’eil a h-aon agad. Bidh mise ’nam sheirbhiseach agad. Agus a chum nach cuir an suidheachaidh anns am bheil thu dragh ort, agus air eagal gu’n tig ort tuilleadh leithsgeulan a ghabhail, tha mi ag radh riut a rithist gu ’m bi mi ’nam sheirbhiseach agad air a h-uile cor. Agus bidh fios an aobhair agad an uine gun bhith fada. Bi falbh air ais do ’n t-seomar, agus lean romhad air thu fhein a thoileachadh mar a bha thu ’deanamh. An uair a thig mise air ais agus deise seirbhisich uman, toisich ri mo chaineadh air son cho fada ’s a bha mi gun tighinn. Na biodh eagal ort mo bhualadh. Bidh mi ’frithealadh dhut aig a’ bhord gus an tig an oidhche. Faodaidh tu cadal ann an so fhein; agus gheibh a’ bhean-uasal aite cadail ann mar an ceuna. Agus anns a’ mhadainn am maireach faodaidh tu a cur dhachaidh cho measail ’s a thainig i. Na dheigh sin feuchaidh mi ri seirbhis a’s mo agus a’s fhearr a dheanamh dhut. Thill do ’n t-seomar gun tuilleadh dàlach.” Ged a bha Amgiad a’ dol ga fhreagairt, cha leigeadh e leis a bheul fhosgladh. Thug e air grad thilleadh do ’n t-seomar anns an d’ fhag e a’ bhean-uasal. Mu ’n gann a rainig Amgiad an seomar anns an d’ fhag e a’ bhean-uasal, thainig cairdean Bhahadair thun an taighe. Thuirt Bahadar riùtha nach b’ urrainn e aoidheachd a thoirt dhaibh, airson aobhar sonraichte a bha e gus innseadh dhaibh ’na dheigh sid, agus a bheireadh toileachadh gu leor dhaibh an uair a chluinneadh iad e. An uair a dh’ fhalbh iad, chuir e deise seirbhisich uime. An uair a thill Amgiad do ’n t-seomar anns an robh a bhean-uasal, bha e gu math toilichte a chionn gu’m buineadh an taigh do dhuine a bha ann an inbhe aird anns a’ bhaile, agus gu’n do ghabh e ris cho caoimhneil. An uair a shuidh e aig a’ bhord, thuirt e, “A bhaintighearn, tha mi ’g iarraidh mile mathanas air son mi bhith cho mi-iomchuidh ’s gu’n d’ fhag mi an so leibh fein sibh. Bha dragh orm a chionn mo sheirbhiseach a bhith cho fada gun tighinn. Ach dioghlaidh an slaoightire air a ghnothaichean cho luath ’s a thig e. Bheir mise laimhseachadh dha air am bi cuimhne aige gu cionn iomadh latha.” “Na cuireadh sin dragh sam bith ort,” ars’ ise; “is ann dha fhein a’s miosa ’bhios a’ chuis. Ma tha e ciontach, is math an airidh e air gabhail air. Na bi ’smaointean idir air; bidh sinne aoibhneach gu leor as aonais.” Bha am barrachd taitneis aca aig a’ bhord a chionn nach robh eagal sam bith air Amgiad roimh fhear an taighe a thaobh mar a thachair dha fhein ’s do’n mhnaoi-uasail a dhol do ’n taigh. Bha e cheart cho subhach rithe fhein. Bha pailteas de chomhradh taitneach eatorra; agus dh’ ol iad barrachd air na dh’ ith iad mu’n d’ thaing Bahadar air ais ann deise an seirbhisich. Chaidh Bahadar a steach do’n t-seomar mar gu’m biodh sheirbhiseach air am biodh eagal mor roimh mhaighstir a chionn a bhith cho fada muigh an uair a bhiodh aoidhean maille ris. Leig e e-fein ’na shineadh aig a chasan, agus phog e an t-urlar, agus dh’ iarr e moran mathanais air. An uair a rinn e so, sheas e air a chulaobh agus a dha laimh tarsuinn air a cheile air uchd mar gu’m biodh e feitheamh gus am faigheadh e ordugh ni eiginn a dheanamh. Chuir Amgiad gruaim air, agus le guth crosda thuirt e, “A thruillich tha thu ann, am bheil do leithid eile de sheirbhiseach anns an t-saoghal? C’ait’ an robh thu? Ciod e bha thu ’deanamh an uair a tha thu cho fada so gun tighinn?” “Mo thighearna,” fhreagair Bahadar, “tha mi ’g iarraidh mathanais oirbh; bha mi deanamh mar a dh’aithn sibh dhomh, agus cha robh mi ’smaointean gu’n tigeadh sibh dhachaidh cho trath.” “A dhearg slaoightire,” ars’ Amgiad, “bristidh mi a h-uile cnaimh a th’ annad, agus bheir mi ort nach bi thu ’g innseadh ’nam breug dhomh a rithist.” An sin dh’ eirich e o’n bhord, agus an uair a thug e dha no tri buillean le bata, shuidh e far an robh e roimhe. Cha robh a bhean-uasal riaraichte leis mar a ghabh Amgiad air Bahadar. Dh’ eirich i o’n bhord, agus ghabh i dha leis a’ bhata gus an robh e ’sileadh nan deur. Bha Amgiad anabarrach mi-thoilichte an uair a chunnaic e an droch dhiol a rinn i air aon de dh’ ard-sheirbhisean an righ, agus ged a dh’ iarr e orra stad, cha stadadh i air a chomhairle. “Leig leam,” ars’ ise; “bheir mise a dhiol dha, agus bheir mi leasan dha a bheir air nach dean e a leithid a rithist.” Lean i air gabhail dha cho doirbh ’s gu’m b’ fheudar do dh’ Amgiad eirigh o’n bhord, agus am bata thoirt as a laimh ge b’ oil leatha. An uair a chunnaic i nach fhaigheadh i cead leantail air bualadh Bhahadair leis a’ bhata, shuidh i aig a’ bhord, agus thoisich i air a chaineadh ’s air a smadadh. Thiormaich Bahadar a shuilean, agus thoisich i ri lionadh nan glaineachan dhaibh le fion. An uair a bha iad deas dhe’m biadh, thug e air falbh gach ni a bh’ air a’ bhord, chuir e a h-uile rud ’na aite fhein, agus o ’n a bha ’n t-anamoch air tighinn, las e na soluis. A h-uile uair a rachadh e am mach no steach, bheireadh ise greis air a chaineadh ’s air a smadadh, agus air maoidheadh air. Bha so a’ mi-chordadh gu mor ri Amgiad, ach cha robh e an comas stad a chur oirre. An uair a thainig am cadail, chuir Bahadar leapannan air doigh dhaibh, agus an uair a rinn e so, chaidh e laidhe do sheomar eile, far an do thuit e gu trom na chadal ann an uine ghoirid, o’n a bha e fann, sgith an deigh na fhuair e do dhochann. Bha Amgiad agus a’ bhean-uasal greis a comhradh anns an t-seomar agus an sin chuir i roimpe gu’m falbhadh i dhachaidh gu’n tuilleadh dalach. An deigh dhi a dhol am mach as an t-seomar, chual’ i an t-srann a bh’ aig Bahadar ’s e ’na chadal. Agus an uair a chunnaic i claidheamh an crochadh faisg oirre, thill i air a h-ais, agus thubhairt i ri Amgiad, “Mo thighearna, ma tha tlachd agad dhomhsa, ni thu aon ni air mo chomhairle.” “Ciod a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh?” ars’ Amgiad. “Bidh mi ’nad chomain ma bheir thu nuas an claidheamh ud, agus ma chuireas tu an ceann bhar do sheirbhisich leis.” Ghabh Amgiad uamhas an uair a chual e a’ leithid de chainnt a’ tighinn a beul boirionnaich, agus bha e smaointean gur ann air mhisg a bha i. “A bhaintighearna,” ars’ esan, “leig le mo sheirbhiseach; na b’ fhiach leat dragh sam bith a chur air. Ghabh mi fhin air, agus ghabh thu fhein air; agus foghnaidh na fhuair e. A bharrachd air sin tha mise gle riaraichte leis. Is ainneamh leis dol as an rathad a dheanamh.” “Cha dean sin an gnothach,” ars’ ise, agus i labhairt le corruich mhoir. Theid an slaoightire chur gu bas gun teagamh. Mur cur thusa gu bas e, cuiridh mise gu bas e.” An uair a thuirt i so, thug i an nuas an claidheamh, agus an uair a thug i as an truaill e, bha i dol a chur a droch run an gniomh. “Nithear mar a tha thu ’g iarraidh ach cha bu mhath leam neach sam bith ’ga chur gu bas ach mi fhin,” ars’ Amgiad. An uair a thug i dha an claimheamh, thuirt e, “Trobhad an so, agus lean mise. Na dean fuaim sam bith mu ’n duisg sinn e.” Chaidh iad do’n t-seomar anns an robh Bahadar, agus an aite Bahadar a bhualadh, is ann a bhuail Amgiad ise, agus mharbh e i. (Ri leantuinn.) Tha esan a tha aig sith, gun amharas air neach air bith, ach am fear a tha mi-thoilichte agus buaireasach, tha e làn amharasan; cha ’n ’eil sìth aige féin, is cha leig e le daoin’ eile sith bhi aca. Gu tric their e an ni nach bu choir dha, is fàgaidh gun deanadh e an rud a thigeadh dha a dheanadh, Gabhaidh e beachd air dleastanais dhaoin’ eile, is air a dhleastanas fhein ni e dearmad. An toiseach mata, bi sùrdail ad ghnothach fhein, agus ’s ann an sin a ’s feàrr a ni thu feum do’n atharrach. [TD 212] [Vol. 8. No. 27. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IANUARAIDH 12, 1900. FAILTE NA BLIADHN’ UIRE. (A Caraid nan Gaidheal.) Chaochail an t-seana bhliadhna an raoir air a’ mheadhon-oidhche; agus do réir lagh seasmhach a shuidhicheadh o chionn shè mìle bliadhna, thàinig a’ bhliadhn’ ùr a steach ’n a h-àite. Cha luaithe a thilg an t-seana bhliadhna an deò, na ghrad chuireadh a mach a closach do shlochd na dì-chuimhn’ maille ri ùir a sinnsear. Cha robh mulad no bròn air a’ bhliadhn’ ùir air son bàs a màthar. Ghrad chuir i am fleasg rìoghail m’a ceann féin. Chaidh i ’steach do thalla mòr na h-aimsire gu h-uallach, iollagach, eutrom. Shuidh i ’an ceann àrd an t-seòmair, agus ghairm i a gillean-frithealaidh ’n a làthair. ’S e ’s ainm dhoibh so, na Ceithir-uaire-fichead. Thàinig iad a stigh, na h-uairean siùbhlach, gluasadach, èasgaidh, ceithir ’ar fhichead diubh—balachain òga, dhian’, thogarrach. “Ciod,” ars’ iadsan, “a b’ àill leibh sinn a dheanamh?” “Falbhaibh a mach,” ars’ ise, “agus gairmibh a stigh ’am làthair mo chùirtearan mòra. Tha air tùs ceathrar ann de fhlaithean àrda—an t-Earrach, an Samhradh, am Fogharadh, ’s an Geamhradh. Maille riutha so, thugadh cuireadh do na cinn-fheadhna mheasail, na Mìosan—dà-mhìos-dheug na bliadhna; agus thigeadh na h-uaislean urramach sin, na Seachduinean, maille riutha—a dhà-dheug agus dà-fhichead de na cinn-fheadhna ghleusta, aosmhor onorach, a bh’ ann o linn ’s o làithean Noah; agus abraibh riutha gur e mo thoil gu’n tugadh iad an ceatharnaich ’s an daoine leo, na Làithean uile—an trì-cheud, an trì-fichead, ’s a còig. Rachaibh a mach, ma ta, agus thugaibh cuireadh agus fialachd dhoibh uile. Falbhaibh gu luath, mo ghillean-frithealaidh neo-sgìth, nach d’ rinn moille riamh, agus gairmibh gach aon diubh ’an làthair luchd-cuirme na bliadhn’ ùire.” Ghrad thòisich na h-uairean ri ruith. ’S gann a bha iad air falbh ’n uair a chualas stairirich agus gleadhraich—fire, faire! ’S ann an sin a bha ’n othail—tailmrich chas—donnalaich chon—iolach nan gillean beaga—fuaim nan caman ’s nam batachan air seiche thioraim chruaidh an tairbh ruaidh. “Cò so,” ars’ a’ bhliadhn’ ùr, “a tha ’teachd le fàilte cho fuaimneach?” “Tha an so,” ars’ an gille-frithealaidh, “bantrach an latha-dé, oidhche Challuinn. Cha do thilg an latha-dé, an duine còir, an deò ach o chionn tiota beag; agus tha ise, a’ chailleach ghleadhrach, mhear, a’ bhantrach gun nàire, a nis cho aighearach, chridheil ’s ged nach robh eòlas aice riamh air. Tha i ’n so air a breathas—éisd! ‘Calluinn a’ bhuilg bhuidhe bhoicinn, buailibh an craicionn!’” Thainig i ’stigh le meadar làn de làgan, no de chabhruich, a dh’ fhàilteachadh na cuideachd. “Fàilte! fàilte! mìle fàilte,” ars’ ise; “soirbheachadh agus sonas do’n bhliadhn’ ùir! mìle sonas ’n a lorg!” Bha aice ’n a làimh caisean-uchd, air a dhothadh ’s an teine. Chuir an òinseach so trì uairean deiseal m’a ceann, agus an sin thairg i do ’n chuideachd uil’ e. Bha ceud latha na bliadhn’ ùir’ a nis a’ glasadh, agus b’ éigin do dh’ oidhche Choinnle teicheadh, i féin a thoirt as, agus àit’ a dheanamh air son na feadhnach a bha ’teachd ’na déigh. Bha a’ chuideachd a nis a’ cruinneachadh—làithean na bliadhna, cuid diubh fluich, agus cuid diubh fuar, cuid diubh gaothar, agus cuid diubh ciùin, ’s an tràs’ ’s a rithist, latha tioram grianach. Chunnacas ceithir fir-fhichead a’ teachd le deifir mhor; agus da rìreadh, bu cholgarra, gruamach, gaillionnach an coslas. Bha sgàth aig a’ bhliadhn’ ùir rompa. Ach cò iad? Bha currachd riobach, molach, air a tharruing gu teann a nuas m’ an cluasan; bha crios làidir mu ’m meadhon; sìoman connlaich m’ an casan; cuaille mòr de’n chuilionn ’n an làmhan; iomaguin agus buaireas àrd ’n an suilean. Cò iad? Tha crith fhuachd a’ tighinn air gach aon mar tha iad a’ dlùthachadh. ’S e ’s ainm do na ceithir fir fhichead ud, na Faoiltich. ’S frionasach, colgarra, feargach, làithean deireannach a’ gheamhraidh; ach cluinneamaid an fhàilt’ a tha iad a’ cur air a’ chuideachd. “Failt’!” ars’ iadsan; “na biodh fuath agaibh oirnne, ged tha sinn air uairibh ’n ar culaidh-eagail. Tha sinn feumail ’n ar n-àm fèin; seadh, cho feumail, phrìseil, luachmhor, ri làithean ciùin a’ cheitein. ’S e an t-aon Tì àrd agus ghlòrmhor a’s athair dhuinn uile. ’S iomadh tinneas ’us fiabhrus, plàigh agus olc, a tha sinn a’ fuadach air falbh. Tha sinn a’ sgapadh nan neulan tiugha a dhùisgeadh olc agus truaighe. Is sinne ’tha ’fasgadh na h-iarmailt: is sinne lighichean an domhain. Na biodh gruaim oirbh romhainn. Mur bhi sinne, cha bhiodh ach beag meas air samhradh no air céitein; mur bhi sinne cha bhiodh toradh ’s an fhogharadh no pailteas o’n fhonn. ’N uair a chluinnear sinn a’ dol a mach air sgiathan na gaillinn, le clacha-meallainn, le glìb, le cur ’us cathadh, ri fuaimnich oillteil ’s a’ bheinn, agus ri gàir uamhasach air chuan, togaibh ’ur sùilean ’s ’ur cridheachan suas d’a ionnsuidh-san a tha ’ga dheanamh féin aithnichte ’s an stoirm agus a’ toirt air na fineachan cliù a thoirt d’a ainm. Cha’n ’eil annainn ach òglaich an Tighearna; earbaibh annsan. Ged tha làithean cuid agaibh mar na faoiltich fhuar’, na caillibh ’ur misneach—thig earrach ’n an déigh; agus sibhse, a rithist, a tha seasgair, blàth, tioram—fo fhasgadh thighean air ’ur còmhdachadh gu maith, agus a’ sealbaachadh iomadh sòlais—’ur cupan a’ ruith thairis, gun dìth, gun uireasbhuidh—bithibh taingeil! Theagamh nach ’eil làithean nam Faoilteach fada uaibh. Deanaibh feum maith de’n latha diugh, agus earbaibh á Dia air son an àm ri teachd.” Ach cò so a tha ’tighinn ’n a charbad uaine, àillidh, am morair dreachmhor! a thrì mìosan maille ris, ceithir seachduinean ’an cois gach mìos, le ’n ochd làithean fichead aig sàil gach aoin diubh? ’S ann an sin a bha ’n toileachas-inntinn, an sùgradh, ’s an t-aighear, ’n uair a chunnacas carbad uaine, loinnearach an Earraich! Bha sùil ris, bha dòchas gu’n robh e ’tighinn; oir b’ iad na Faoiltich a theachdairean. Failt’ air Earrach àghmhor nan iomadh buaidh! Tha ’n sneachd a’ leaghadh o ghuaillibh nan gruaim-bheanna ciara; tha an eigh, le gleadhraich gharbh, a’ sgealbadh ’s a’ teicheadh sìos do ’n chuan; tha na lòin ’s na blàir air an sgeadachadh le comhdach àluinn ùr; tha na lusan maoth’ a’ togail an cinn le ’n dathan àillidh, fann-gheal, dearg; tha’n snothach a’ dìreadh gu mullach nan craobh, a dh’ fhàilteachadh an Earraich; tha na h-eòin bheaga ’seinn le sòlas a’ togail an òran binn; tha na h-uain bheaga cho geal ris a’ chainichean, le méilich fhann, ’s na minneinean mireagach, le’m migeadaich laghach, a’ cur fàilt’ air. Eisd! bàirich nam bò, agus fann-gheum nan laogh mu’n cuairt do’n chrò. ’S ann an sin a tha ’n othail ’s an ùpraid, mar tha ’n t-Earrach a’ tighinn a stigh! Faic an tuathanach a’ dol a mach le ’bhrat lìn m’a ghuaillibh, a chur an t-sil, am balachan beag a’ suidhe cùl an t-saic, air an t-sean each chàm a tha ’giùlan a’ phòir. Eisd fead an treabhaiche; straighlich nan cliath; sùrd air gach ni; a h-uile h-aon cridheil, eutrom, ’S maith a labhair am filidh Gàidhealach— “’Nis theid Earrach uainn air ’chuairt ’S thig an Samhradh ruaig a nall; ’S gorm-bhog duilleach gheug air glinn; Eunlaith ’seinn air bharr nan crann; Druchdan tlath’ air feur gach glinn, ’S lan thoil-inntinn sgiamh nam beann.” Cha luaithe ’chaidh an t-Earrach a stigh, na ghrad chunnacas òganach dreachmhor, suilbhearra, uallach, a’ teachd—a leadan buidhe sìos air a ghuaillibh, fleasg de bhlathan ùra m’ a cheann, badan de shobhraichean fann-bhuidhe nam bruach ’n a bhroilleach,—a’ Chuthag ghlas, le a “gug-gùg,” ’n a dhéigh. So teachdair’ an t-Samhraidh, “Latha buidhe Bealltuinn!” Nach tlàth, cùbhraidh, taitneach an t-àile!—nach àillidh ’n an neart, nach bog, blàth na frasan ciùine! “Dùisg, m’ anam! thoir cliù do Dhia!” Cò ’s urrainn àilleachd an òg Shamhraidh a thoirt fainear, gun a chridhe ’thogail, suas d’ a ionnsuidh-san a tha ’toirt so uile mu’n cuairt? “O ’Shamhraidh gheugaich, ghrianaich, cheutaich, Dhuillich, fheuraich, chiuin-ghil! Bho anail fein thig neart ’ns speurad Do gach creutair diuidi Bha ’n sas ’an slabhraidh reot’ a ghermhraidh, Ann an am na dudlachd, ’S tha ’nis a’ danns’ feadh ghlac ’us gleann Mu d’ theachd a nall as ur oirnn.” Bu taitneach da rìreadh r’ a éisdeachd an fhàilt’ a chuir an Samhradh air a’ chuideachd! Cha do labhradh riamh a mach á crannaig searmoin a bu taitniche ’s a bu druightiche; agus dh’ éisd a’ chuideachd uile le mòr thoirt frinear. Faicibh anns an t-Samhradh maitheas Dhé, a tha ’toirt do’n t-saoghal gach sochair agus beannachd ’n a àm ’s ’n a thràth féin. Cia àillidh ’nis an domhan!—an latha ’n a fhad ’s ’n a bhlàs, gach eun a’ seinn aig beinn ’r aig baile, agus obair na cruitheachd fo shòlas. Faicibh an t-atharrachadh a tha ’tighinn air aghaidh an t-saoghail! Thilg mullach nam beann mòra dhiubh currachd sneachd-geal a’ gheamhraidh; tha Nàdur air dùsgadh o ’shuain; tha ’m fonn ’s am fearann a’ toirt dearbhadh air feartan na gréine, agus air cnmhachd ciùin an drùchd. ’S e Dia a rinn so uile. “Bheir e air feur bhi ’fas do spreidh, ’S an luibh bhi ’fas gun sgios Do dhaoinibh, chum gu’n tugadh iad O’n talamh biadh o nios.” (Ri leantuinn.) Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. [TD 213] [Vol. 8. No. 27. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha sinn a cluinntinn gu bheil an amhach-ghoirt gle dhona ann am Port Hood, agus gu’n do chaochail aireamh de chloinn leatha. Cha’n eil e comasach dhuinn ainmean na muinntir a phaigh a chur anns an aireamh so, ach feuchaidh sinn ri ’n cur anns an ath aireamh. Tha Mr. E. T. Mac Keen air tigh’n a mach a ruith an aghaidh Mr Crowe air son dreuchd na h-ard-bhaillidheachd. Ann an Sidni Tuath tha D. D. Mac Coinnich a ruith air son na dreuchd cheudna an aghaidh Mr Bertram. Chaidh roinn de stuth laidir ’s de thombaca bha air a smugladh a ghlacadh anns an stor aig D. R. Caimbeul, ’s an t-Shipyard, Di-mairt s’a chaidh. Dh’ aidich e gu ’m b’ ann air a smugladh a bha e, agus nach robh ann ach pairt de na bh’ ann an toiseach. B’ fheudar dha $375 a dh’ umhladh a phaigheadh. ’Se Mr. J. C. Bourinot á Port Hawkesbury, agus Capt. Gordon, a Sidni Tuath, a rinn an glacadh. Tha comhairle na siorrachd cruinn air an t-seachdain so, agus a reir oraid a chinn-suidhe aig an fhosgladh tha cuisean na’s fhearr na bha iad bliadhna riamh roimhe. B’abhaist an t-siorrachd a bhi anns na fiachan toiseach gach bliadhna, ach air an turus so, cha’n eil sgillinn fhiach oirre, agus tha beagan airgid ri creideas anns a bhanca. Tha so gle chreideasach dhaibhsan aig an robh gnothuch ri riaghladh chuisean ’s ri tional nan cuisean re na bliadhna. ’Se ar barail nach urrainn luchd-gabhail MHIC-TALLA talach sam bith a dheanamh air an leughadh a tha iad a faighinn aig an am so. Tha cairdean aig a Ghailig ’s aig MAC-TALLA ann an iomadh aite tha ’dol gu saothair mhor a’ sgriobhadh naigheachdan, eachdraidhean, orain, agus iomadh ni eile nach urrainn ach a bhi taitneach do luchd-leughaidh na Gailig. Tha naigheachdan na seachdain car gann againn an drasda, ach dh’innis sinn ciod a b’aobhar dha sin. Tha dochas againn an uine ghoirid gu’m bi uiread no barrrachd naigheachdan ’sa MHAC-TALLA ’sa b’ abhaist a bhi ann. Dh’ fhalbh na saighdearan a tha dol dh’an Transvaal a Sidni Di-satharna s’a chaidh. Bha aireamh mhor de shluagh a bhaile cruinn aig cala ’n rathad-iaruinn gus am faicinn air falbh. Mhears geard de na Gaidheil Earraghaidhealach le ’m piobair air an ceann, sios comhla riuiha, agus chaidh am band leotha cuideachd. Aig a chala, rinneadh oraidean le Maidsear Crowe, agus le Eachunn F. Dughlach, M. P., a thoirt misnich dhaibh agus ’gam moladh air son a bhi cho ullamh gus an seirbhis a thairgse d’ an duthaich; agus mar an ceudna ’gealltuinn dhaibh gu’m biodh deagh churam air a ghabhail dhuibhsan a bha iad a’ fagail ’nan deigh. Chaidh coig dolair dheug ann an or a thoirt do gach fear dhiubh, agus an deigh moran crathadh-laimh agus le deagh ghuidhe nan uile dh’fhalbh an carbad leotha—a cheud bhuidheann dhaoine chuir Ceap Breatunn riamh air falbh a chogadh os leth na h-Impireachd Bhreatunnaich. Cuairt Latha Samhraidh. Thuit dhomh a bhi ’siubhal troimh thìr mo dhùthchais air latha bòidheach samhraidh. Bha a’ ghrian a’ dearrsadh ann an àird neart a’ mheadhoin-latha. Sheas mi a’ gabhail beachd air maise an t-saoghail nàdurra, agus bha an sealladh do ’m shùil. Bha feath nan iad air aghaidh a’ chuain, ’s eoin na mara ag itealaich ’s a’ deanamh gàirdeachais le ’chéile os cionn an éisg, Tharruing mi dlùth do thulman bòidheach, timchioll air am b’ àbhaist dhomh, uair-eiginn de ’n t-saoghal, tacan de gach latha ’chur seachad le companaich dhìleas na h-òige—gu h-aotrom sunndach, gu’n churam mu nithean na beatha so, no mu chor siorruidh m’ anam neo-bhàsmhor. Sheas mi a’ beachdachadh air gach nì, agus bha iad gun chaochladh, ach beag mar a bha iad feur uaine a’ còmhdachadh na faiche. Bha a’ chuthag gu binn a goirsinn anns gach doire ’s gleann, ’s an uiseag ’s an smeòrach a’ gleusadh an ribheidean, a sheinn òrain molaidh, ’s a chur an céill an taingealachd do’n Dia sin bho ’m bheil iad a’ faotainn beatha agus teachd-an-tìr. Dh’ amhairc mi chum na laimhe deise. Feuch, monaidhean àrda, srathan ’us glinn, comhdaichte gu léir le àillidheachd an t-samhraidh. Bha amhuinn bhras lubach—an t-sobhrach bhàrr-bhuidhe ag iathadh mu bruachan—a’ ruith sìos do ’n chuan. Ri ’taobh, fhuair mi m’ àrach. Sheall mi a dh’ ionnsuidh na laimhe clì. Feuch, luingeas nan crann àrda, le ’n siùil ri oiteig chiùin an t-samhraidh, a’ seòladh eadar Eige nan Sgur ’us Eilean a’ Cheo. ’De na smaointean a dh’ éirich ’suas ’s an taobh a stigh dhiom aig an àm so? Ged bha na nithean so uile mar a bha iad ann an aon seadh, ’na dheigh sin, thug mi fa near caochladh sgrìobht’ air gach nì. Ar n-athraichean, c’àite am bheil iad; ’s am mair na fàidhean beò am feasd? C’àite ’m bheil companaich na h-òige, ’bha leam-sa anns an ionad so, ’s a thoisich air ruith na réise maille rium? Mo chreach! sgaraichte bho chéile tha iad—cuid ’nan coigrich ann an tìr choimheich, chéin, ’s cuid ann an leabaidh thosdach na h-uaighe, fo ghlais aig righ nan uamhas. Nach b’e sud maduinn chéitein mo bheatha, ’n uair a bha mi gu neo-chùramach ri cluich ’us àbhachd air feadh nan glacan so? Ach tha ar n-aimsir a’ dol seachad gu luath. Latha no dha ’s tha ’n samhradh thairis. Dlùth na dhéigh thig geamhradh doinionnach, dubh, a rùisgeas crann ’s a chrathas duileach—mar ’tha na craobhan a’s blàithe bho’n d’ fhuair mi fasgadh air seargadh as, ach beag, gu h-iomlan. Is fìor a labhair am fàidhe ’n uair a thubhairt e, “Tha sinn a seargadh mar dhuileach.” Ni an duine siochainteach barrachd feum ris an duine ionnsaichte. A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle THA AGAINNE Cotaichean agus Colairean Bein, Tha toil againn an Creic, Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean. J. C. MILLS. Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. [TD 214] [Vol. 8. No. 27. p. 6] “BEHIND THE SCENES.” LE DONULL MAC CALLUM. An déigh còmhraig Creig na h-Iolaire bha Captain T. Goblets agus The Mac Dodo, Henry V., air an smachdachadh agus air an claoidh leis an fuath do-labhairt a thug iad d’a chéile. Ma tha thu smuainteachadh gur ann air son math do d’ namhaid a tha e air iarraidh ort a ghràdhachadh agus nach ann air son do mhath fein is ann glé chlì tha thu tuigsinn an Fhacail. Tha mi cinnteach nach miste do nàmhaid gu’n tugadh tu gràdh dha ach mar dean thu sin ’se glé bheag sith a gheibh thu féin. Cha’n e a mhàin nach robh gràdh aig a Chaptain agus aig The Mac Dodo do Lady Myshrym ach bu bheag orr’ i, gidheadh do bhrigh gu’n robh gach fear dhiu creidsinn gun robh gaol aig an fhear eile orra, g’a cumail o chéile chuir gach fear dhiu roimhe a pòsadh. B’fheàrr leis gach fear dhiu té a phosadh nach bu toil leis na gu’m faigheadh am fear eile an té a roighneachadh e. A charaid, ma tha thu saoilsinn nach gabhadh so a bhith cha’n eil fhios agad gu’n d’ rugadh tu. Is sona dhuit a bhith cho aineolach a sin. Ghabh na fir so gach fear a chothrom féin ann a bhi dol a dh’ iarraidh na banntraich mhoir ann am pòsadh, agus so an fhreagairt do gach fear dhiu—“My own dear noble lord, great as is my love for your noble lordship, and it is boundless, will your noble lordship forgive me when I say that my hatred of the wicked poachers is still greater? Let your noble lordship prove the strength of your noble lordship’s love to me by procuring the wicked poachers the due reward of their iniquity.” Bha aobhar math aig an lady nach pòsadh i fear seach fear dhiu, ach cha ’n fhac i iomchuidh sin innseadh dhoibh. Bu mhath do’n fhear leis an eireadh buaidh gu’n robh sin mar sin. Na saoil air son iad a bhi aimeadach anns an ni so gur h-iad droch dhaoine bha ’s na fir so air eagal ’s gu ’m bi thu ga d’ dhiteadh féin; oir cha mhor dhaoine nach eil an sèors’ aimeadas so ceangailte riu. Tha uairean a tha an t-aimeadas so air a ghlòireachadh mar ghaisge mor. Cha robh aobhar ’s am bith, a chunntadh neach eile na aobhar, aig na fir so gu ’m biodh fuath aca d’a cheile, agus do bhrigh gu ’n robh sin mar sin, bha e eu-comasach do neach réiteadh a dheanadh eadar riu. Cha’n urrainn thu ni a thoirt as an rathad nach eil ann; agus an aiteachadh iad gu’n robh iad a faicinn ni aig nach robh bith? ’Se duine caol, sia traighean a’ dh’ airde, dubh, lom, duaichnidh, a bh’ann an Henry V., aig an am so tri bliadhna fichead a dh’aois. ’Se duine tiugh, coig traighean agus coig oirlich air àirde, bàn, molach, briadh a bha ’s a chaptain, leth cheud bliadhn’ a dh’aois aig an àm so. Bha gaol mòr aig an lady air The MacDodo, agus mar bitheadh nach b’urrainn i sin a dheanadh phosadh i e gun dail. Cha’n eil sgeul mhor sam bith ri innse mu’n chogadh air an t-seachdain so, ach a mhain gu’n do chuir an Seanalair White an teicheadh air buidheann mhor de na Boers aig Ladysmith Di-satharna. Ghlac na Boers pairt de dh’ aiteachan-laidir a bhaile ’sa mhaduinn, ach mu ’n do thuit an oidhche chaidh an toirt uapa rithist. Bha call mor air gach taobh. Rinneadh toileachadh mor nuair a thainig am fios so; ach gun teagamh tha Ladysmith a nise moran na’s laige na bha, agus ma leanas na Boers air cur seisd cho cruaidh ris cha’n urrainn dha seasamh. Bha sgeul a dol mu’n cuairt mu mheadhon na seachdain gun d’ fhuair Buller tarsuinn an amhuinn Tugela, ’s gu’n d’ fhuair White a mach a Ladysmith, ach cha robh facal firinn ann. Tha Roberts agus Kitchener air ruigheachd a mach, agus air ard chomand an airm a ghabhail. Tha duil ri tri cheud Eadailteach a thighinn do’n bhaile air an t-seachdain so gus a dhol a dh’ obair do chuideachd an iaruinn. Tha daoin’ ann aig nach ’eil sith anntafhein, is nach leig fois le feadhain eile. Tha iad so ’nan claoidh do dhaoin’ eile ’s ’nam buaireas dhaibh fhéin. Tha sluagh eile ann a tha sìochainteach annta fhein ’s a toirt na h-uile oidheirp air daoin’ eile gluasad ann an sith. An deigh so uile ’se cur suas le anshocair, is cha’n e gun a faireachduinh anns a’ bheatha so, aona bhonn ar sìth. Tionndaidh an duine feargach a maith fhein gu olc, agus an t-olc tha iad deas a chreidsinn. Tionndaidh an duine siochainteach gach ni gu math. THA MI ’G IARRAIDH DITHIS NIGHEAN,—aon gu bhi ’na bana-chocaire, agus aon gu bhi cuideachadh nighinn eile ri obair-taighe. MRS. C. A. MEISSNER, Colby Lane, Sydney, C. B jan 12—tf COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Ach ’se giùlan gu foighidneach le daoine borb, mollaichte an gniomh eireachdail agus euchdail. Tha cuid ann a tha sìtheil annta fhein, agus a tha gleidheadh sìth am measg dhaoin’ eile. Gleidh sìth annad fhéin an toiseach ’s na dheigh sin faodaidh tu feadhainn eile a dheanadh réidh. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 215] [Vol. 8. No. 27. p. 7] Neo-Bhasmhorachd. Chunnaic mi am blàth a’ seargadh air a’ phreas, le ’dhuilleagaibh boidheach spapte air an làr. Dh’ amhairc mi rithist; thog e cheann as ur; bhrùchd a mach am maoth òg ’na bharr; thainig ’fhàileadh cubhraidh orm an uchd na gaoithe. Chunnaic mi ’ghrian a’ dol fodha ’s an iar; neoil chiar-dhuth na h-oidhche ag iathadh mu ’n t-saoghal. Cha robh dath, no dealbh, no àilleachd, no ceol, ach an aon duibhre dhorch a’ tuineachadh mu’n cuairt. Dh’ amhairc mi, agus dh’ éirich a’ ghrian a rithist ’s an ear ann an àllleachd a neirt, a’ sgaoileadh a gathan òr-bhuidh air àirde nam beann. A neadan còinich dh’ éirich an riabhag a chur fàilte oirre, agus theich an oidhche ’na ciar-imeachd air falbh. Chunnaic mi ’n durrag air tighinn gu làn mheudachd; dh’ fhas i fann; dhiult i lòn; shnìomh i uaigh dhi fein; agus chunnaic mi i air a ruigheadh ’na léine bhàs shìoda; laidh i gun chasan, no dhealbh, no lùths, no comas gluasaid. Dh’ amhairc mi rithist; thainig i beò as ùr, air a sgiathaibh dearg-bhreachd àillidh; ghabh i ’mach air blàths chéitein na gaoithe; rinn i gàirdeachas ’na h-ùr bheatha. Is amhuil mar so a thachras dhutsa, O dhuine! Mar so ath-ùraichear do bheatha-sa. Cinnidh àilleachd as an ùir, agus beatha as an duslach. Tamull beag agus laidhidh tu fo’n fhòd, mar a laidheas an sìol ’s an fhonn; ach togar thu ’na dhéigh so, agus a chaoidh cho bhàsaich thu. Cò esan a tha ’teachd a bhristeadh cuibhreach na h-uaighe, a dhusgadh nam marbh, agus a chruinneachadh a mhuinntir shaorta fein o cheithir àirdibh an domhain? Tha e ’tuirling air neul lasarrach; tha fuaim na gall-truimp a’ dol roimhe; miltean ’de ainglibh air a dheas làimh. Is e Iosa Mac Dhé a th’ ann; Fear-saoraidh a’ chinne-dhaonna; caraid nan ionracan. Tha e teachd ann an glòir Athar; fhuair e cumhachd os àird. A mhic na neo-bhasmhorachd, na bi fo bhron! oir tha am milltear, am milltear neo-iochdmhor a thug sgrios air oibribh Dhé, air a cheannsachadh. Iosa, thug e buaidh air a’ bhàs—a mhic na neo-bhàsmhorachd! na bi ni ’s fhaide fo bhròn! AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghais Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 216] [Vol. 8. No. 27. p. 8] Cuachag an Fhasaich. LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR. FONN— A bhanarach dhonn a’ chruidh, Chaoln a’ chruidh, dhonn a’ chruidh; Cailin deas, donn a’ chruidh, Cuachag an fhasaich. A bhanarach mhiogach, ’S e do ghaol thug fo chis mi; ’S math thig làmhainnean sìoda Air do mhin-bhasan bàna. ’S mòr bu bhinne bhi ’d éisdeachd, ’N àm bhi bleoghann na spréidhe, Na ’n smeòrach ’s a’ cheitein, ’M bàrr geig’ ann am fas-choill. Ceol farasda, fìor-bhinn, Fonnmhor, farumach, dionach, A sheinn an cailin donn, finealt. Bheireadh biogadh air m’ àirnean. Ged a b’ fhonnmhor an fhiodhal, ’S a teùdan an righeadh; ’S e bheireadh danns’ air gach cridhe, Ceòl nighean na h-àiridh’. Tha deirg’ agus gile, Gleachd an gruaidhean na fine; Béul mìn mar an t-sirist, Do am milis thig gàire. Déud snasta na rìmhinn’, Snaidhte, cruinn, mar na dìsnean; Gur h-i ’n donn-gheal ghlan, smideach, Is ro-mhìog-shùilcach fàite. Chuireadh moill’ air do leirsinn, Ann am madainn-driùchd cheitéin, Na gathannan grèine Thig bho téud-chùl cas, fainneach. ’S ciatach nuallan na gruagaich’, Ri bleoghann cruidh ghuaillfhinn, A’ toirt tormain air cuachaig, ’S bodhar-fhuaim aig a clàraibh. ’S taitneach siubhal a cuailein, ’G a chrathadh mu cluasan, A’ toirt muidh’ air seid-luachrach An tigh-buaile ’n gleann-fàsaich. A muineal geal, bòidheach. Mu ’n iathadh an t-omar; A dhath fhéin air gach seòrsa, Chìteadh ’dòrtadh tromh bràighe. Dà mhaoth-bhois bu ghrinne, Fo ’n dà ghàirdein bu ghile, ’N uair a shint’ iad gu h-inealt’ Gu sinean cruidh fhasgadh. Gu’m bu mhòthar mo bheadrach Teachd do’n bhuaile mu eadradh, Sèamh, sult-chorpach, beitir, ’S buarach ’ghreasad an àil aic’. Glac gheal a b’ àrd gleadhar, Stealladh bainne ’n cuaich-bhleoghainn, Seinn nan luinneag bog seadhach Ann an gobhal na blaraig’. ’N uair a thogadh tu bhuarach, Cuach a’s currusan na buaile, B’ ao-coltach do ghluasad Ri guanaig na sràide. Am Bothan Beag. LE D. MAC EACHARNA. AIR FONN—“The Auld Hoose.” Am bothan beag an cois na creig, ’S an d’ fhuair mi ’m àrach òg; ’S a ghleannan uain’ an cluinnear fuaim, ’Us gàirich a’ chuain mhòir; Na beanntan fuar ag èiridh suas, G’ a chuartachadh mar chrò, O, ’s tric mo smuain ’s a ghleannan uain’, ’S an d’ fhuair mi m’ àrach òg! Air fad mo chuairt ma dheas, ’s ma thuath, ’S gach aite an d’ fhuair mi tàmh, Be’n gleannan uain’ ’s am bothan truagh, ’Bha ’ruith am smuain a ghnàth. ’S ged ’s fuar, mo chreach, an diugh do leac, ’S gun neach a chur orm fàilt’, O, nead cho cuanal riamh cha d’ fhuair mi, ’S a bha nair fo d’ sgàth! Gur goirt mo smuain air làraich fhuar, Nan daoine suairce ’bh’ ann, Chaidh cuid thar chuan diubh, ’s cuid a fhuair, An dachaidh bhuan measg Ghall; Bu ghoirt an cridh’ ma’n d’ leig iad sios An cadal sìor an ceann, ’S am miann bhi sìnnte làmh ri ’n sìnnsear, Ann an Tir-nam-Beann. An oiteag luaineach feadh nam bruach, ’Tha luasgadh bàrr an fheòir, Mar ghuth am chluais, a dùsgadh smuain, Nach luaidheadh briathra beòil; Tha nithe taisgt’ an cridh’ gach neach, Nach fhaic aon sùil tha beò, O, soraidh bhuan do’n ghleannan uain’, ’S an d’ fhnair mi m’ àrach òg. Laoidh. AIR FONN:—“A Mhorag am bheil thu tighinn.” Iosa labhairt ’s mise an t-Slighe, Thigsa steach is gabh leam seilbh, Na bi muigh a measg na madraidh, Na do luidhe fo an fheirg. Gabh a steach tha ’n t-slighe réith dhuit, Se mac Dhe tha dha do gairm H-uile Gras us tiodhlac neamhaidh, ’Fhuair e fein bidh dhuit mar sheilbh. Bidh e fein mar sholus Greine Dha do cheum ’nuair bhidh ’s tu falbh, ’S leis a chiuine tha na bhriadhran, Tionntaidhear gu feath an stoirm. Dlùthaich a stigh fo ’bhrataich, Feuch nach fan thu fad air falbh, Crùn e mar Righ air d’ anam, ’S gheibh thu bata maith is lorg. Feuch nach stad thu gus am faigh thu, Dion is fasgadh stigh na ainm, Co thubh’rt ruit nach caill thu d’ anam Le bhi leantuinn fad air falbh. Gheibh thu clarsach air a gleusadh, ’S crun a’s feàrr na geugan pailm, Gheibh thu dlu do’n t-sagairt neamhaidh, ’S na uchd-eididh cuirar d’ anam. Gheibh thu àite measg na naoimh, A rinn na linntean thoirt air falbh, ’S bidh thu ann an comunn Ainglean, Far ach cluinn thu cainnt nam borb. Cuimhnich gu bheil ’m aguis, Cuibhrionn do pheanas searbh, Dhoibhsan a bhios ri magadh, Air ’n tha gabhail tlachd na ainm. Eirich na luidh na’s fhaide, Teich le cabhaig bho’n an fheirg, ’S gus nach faighear fuil na d’ aodach, Feuch gu’n glaoth thu ris na mairbh. Is math is aithne dhuit do leisgeal fein a ghabhail, agus an dreach a’s feàrr a chur air do dheanadas, ach cha ’n eil moran foighidinn agad ri leisgealan dhaoin’ eile. Ach ’se bu dealbhaiche dhuit thu fein a chur fodha agus do bhràthair a thoirt an uachdar. Ma ’s math leat gu’n cuirte suas leat, cuir thusa suas le feadhain eile. Seall cho fada ’sa tha thu fhathasd o’n fhior charrantachd is o umhlachd, subhailcean nach gluaisear gu feirg no gu corruich ach ri duin’ e fhein. Cha’n euchd mor do dhuine giulan le daoine ciùin ciallach, agus is taitneach an t-sìth leis na h-uile, agus is miann leò iadsan a tha dh’aona bheachd riatha fhein. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonhas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 217] [Vol. 8. No. 28. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 19, 1900. No. 28. Litir a Alba. Bodachan a gharaidh, Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a’ gharaidh, Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA:—Tha iomadh smaointean a’ tighinn a steach orm an nochd. Tha mi ’fas sean, agus a’ fas onaranach. Dh’ fhalbh mo choimh-aoisean. Agus dh’ fhalbh iomadh ni a bha taitneach leam an uair a dh’ fhalbh iadsan. Cha ’n ’eil an ùine fada gus am falbh mi fhein, ged a tha mi ’cumail ris gle mhath. An uair a bha mi og, bha iomadach cleachdadh neochiontach agus gle thaitneach ’nar measg aig an am so dhe ’n bhliadhna. Bhiomaid a’ farchluais oidhche Challaig, a’ goid chail, agus ri iomadh cur seachad ùine eile air nach ’eil guth no iomradh an duigh anns a’ chuid so dhe’n duthaich. Bhiodh gillean a’ dol air challaig, agus thoisicheadh na mnathan ri fuineadh am beul na h-oidhche gus tòrr de bhreacagan mora a bhith deiseil aca an uair a thigeadh na gillean callaig le’n cuid dhuan a dh’ ionnsuidh nan dorsan. Bhiodh fios aig daoine gu ’n robh cuid dhe na mnathan cho spiocach ’s nach deanadh iad ach breacagan beaga, tana, do na gillean callaig. Bhiodh daoine gabhail beachd nach biodh moran rath air na teaghlaichean a bhiodh spiocach, mosach ris na gillean callaig. An uair a gheibheadh na gillean callaig caoimhneas ann an taigh, ghuidheadh iad beannachd Dhe ’s na Callaig do’n taigh an am dhaibh a bhith falbh. Bha aon bhoirionnach coir anns an aite ’s an d’ rugadh mise, agus bha e air ’aithris nach robh te eile anns an duthaich a’ dheanadh bonnaich challaig cho mor ’s cho math rithe. B’e sin Fionnaghala nion Iain ’ic Lachlain a bh’ann an Rudhan nan Sloc. Dh’aithnicheadh na gillean callaig na breacagan a bheireadh i dhaibh am measg a h-uile breacag eile a gheibheadh iad. Cha do chuir an caoimhneas a bha i ’nochdadh call riamh oirre. Chaidh cuid dhe’n teaghlach a bh’ aice gu ruig’ America. Agus ma chaidh iad ri am mathair ’s ri ’n athair fhein, theid mi an urras gu’m bi iad aoidheil, faoilidh, geanail ris gach coigreach is fear-eolais a ruigeas na taighean aca aig gach àm dhe’n bhliadhna. Cha robh mise riamh a’ falbh le mo phoca air challaig. Taing do’n Chruithfhear, cha robh mo pharantan riamh ann an eis, agus mar sin, cha robh aobhar dhomh falbh o dhorus gu dorus, agus o bhaile gu baile, air challaig. Ach bha mi iomadh uair air challaig ann an doigh eile. Air oidhche challaig, bhiodh coimhearsnaich a’ taghal air a cheile, agus cha’n fhaigheadh fear sam bith a steach air an dorus mur gabhadh e duan. Mur rachadh aige fhein air duan a dheanamh, dh’ fheumadh e duan a rinn duine eile a ghabhail; agus an sin gheibheadh e steach, agus chuirteadh a h-uile rud a b’ fhearr na cheile a bhiodh fo na cabair ’na thairgse. Ach nan rachadh aige fhein air duan a dheanamh, is e bu sheachd fearr. Bha caraid is fear-eolais agamsa a bhiodh gu tric a’ dol air challaig air cuid dhe na coimhearsnaich choire a bha faisge air. Mar bu trice dheanadh e duan air son oidhche challaig. So agad fear dhe na duain a rinn e:— “Mise ’nochd a’ dol air challaig ’S teannaidh mi ri deanamh duain, Cha’n ann do mhnathan a’ bhaile, Ach do bhean an taigh’ ud shuas; A bhean a’s coire ’san fhearann, Bha i geanail rium gach uair, Ruigidh mi i thun an teine: Ceann nam beannachd bean Iain Ruaidh. Tha i caoimhneil ris na bochdan, Aoidheil, fosgarra do ghnath; Gheibh gach feumach thig an rathad Na chuireas seachad an trath: Oidhche challaig, g’e b’e ’ruigeas, Gabhar ris le cridhe blath; Is ma bhios e fo na sparran, Gheibh e aran, drama ’s cais’. Bean na maise, bean na h-uaisle, Do’m bu dual bhith measail, coir; ’S fortanach am fear a fhuair i, Cha chuair i gruaim air ri bheo: Tha i ’na comhstadh gach la dha A’ togail an alaich oig, Gu modhail, measarra, cliuiteach, Gun diumbadh o dhuine beo. Ach a nis anns a’ cho-dhunadh ’S e mo dhurachd i bhith slan, Fad iomadh la agus bliadhna ’Cumail riaghailt air an al: Air a h-uile oidhche challaig, Fhad ’s a bhios mi anns an aite Ruigidh mi taigh Aird-nan-Slocan: Fosgail dhomh, a Mhairi Bhan.” Is docha gu’n cuala tu an duan so roimhe; ach ma chuala, cha mhisde sgeula math ’innseadh da uair. Tha ’n seana chleachdadh math so a nis a’ dol gu mor a fasan. Tha daoine air moran dhe’n chaoimhneas a bha aon uair ’n am measg a chur gu buileach air chul. Agus cha’n ’eil an saoghal a’ fas dad na’s fhearr. ’Nam shean aois, tha doighean an t-sluaigh an diugh a mi-chordadh rium gu mor. Tha na daoine air fas Gallda ’nan cainnt ’s nan gniomharan. Cha’n ’eil mise ag iarraidh a bhith ’cumail suas aon chleachdadh anns nach ’eil feum. Ach tha mi gu mor an aghaidh a bhith, cur as nan cleachdaidhean a bha ’g àrarach caoimhneis neis is cairdeis am measg dhaoine. Ged a tha daoine moran na’s foghluimte na bha daoine ri mo cheud chuimhne-sa, cha’n ’eil ri fhaicinn ach fior bheagan dhe’n chairdeas, dhe’n chomunn ’s dhe ’n ghaol a bha aon uair cho pailt am measg dhaoine. Tha gach fear, ach fear ainneamh a’ feuchainn ri sgairbh a thoirt a creagan dha fhein. Ged a tha e freagarrach agus iomchuidh gu leor do dhaoine an gnothaichean fhein a chur gu math an ordugh, cha’n ’eil e aon chuid criosdail no cairdeil dhaibh a bhith coma co dhiubh a theid no nach teid gnothaichean dhaoine eile air an aghart. Nach ’eil na ceudan mile an diugh deas gus am bas fhulang a chum gu’m bi sith agus soirbheachadh aig daoine eile? Agus ma tha ciall no tur annainn, bheir sinn cliu agus moladh do na daoine so a tha cho deas gus am beatha ’leigeadh sios air son math an co-chreutairean. Nach mor an cliu air am bheil na daoin’ oga, treuna, tapaidh a tha ’dol gu ruige Africa a Canada, a Australia, a New Zealand, agus a aiteachan eile, airidh air son mar a tha iad cho deas gus am beatha leigeadh sios a chum gu’m bith sith, agus soirbheachadh agus ceartas, agus saorsa aig daoine dichiollach, onarach dhe gach fine, agus treibh, agus teanga, a tha feuchhainn ri tighinn troimh ’n t-saoghal mar a ’s fhearr a dh’ fhaodas iad ann an Africa? Cha ’n urrainn dhomhsa cainnt a chur air a’ chliu ’s air a mholadh a tha iad a’ faotainn ’nar measgne ann an Alba. Tha ’n cliu ann am beul gach duine; agus mu ’n tig crioch air a’ chogadh, tha sinn cinnteach gu ’n cluinn sinn air an sgath a ni iad am measg nam Boerich. Gu’n robh buaidh leis na seoid. Is e mo ghuidhe gu ’m biodh bliadhna mhath ùr agad fhein agus aig gach Gaidheil treuna, duineil, tapaidh a tha cuideachadh leat le ’n cinn, le’m pinn, ’s le’n sporrain. Tha mi cur romhan gu’n sgriobh mi ugad air a’ bhliadhna so na’s trice na rinn mi an uiridh. An latha chi ’s nach fhaic, is mi do charaid, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha. Latha na bliadhn’ uire, 1900. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. III. An uair a chaidh Aonghas mac Alasdair dhachaidh, dh’ innis e do’n mhnaoi an comhradh a bh’ eadar e fhein ’s Murchuadh Ceannaiche mu thimchioll falbh leis na h-uighean. “Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa cha dean thu mar a tha Muruchadh ag iarraidh ort idir,” ars’ ise. “Tha fhios agamsa glé mhath gur math leis gach cuideachadh a’s urrainn e a dheanamh leinn; ach air a shon sin, cha fhreagair an obair ort idir. Cha ’n ’eil a h-uile fear freagarrach air son na h-obrach. Feumaidh gach fear a bhios ri reic ’s ri ceannach a bhith dàna, tapaidh, gleusda gus a ghnothach a dheanamh. Tha thusa gu nàdurra tuilleadh is bog, agus gabhar brath ort. Nan rachadh agad air do ghnothach a dheanamh gu math, cha bhiodh nì sam bith agamsa an aghaidh dhut feuchainn ris.” “Tha thu de’n bheachd rium fhein, a Mhor,” ars’ Aonghas. “Ach cha deachaidh dad ’n am aghaidh-sa riamh anns an do chuir mi làmh. Tha sinn am bliadhna feumach air rudeigin a dheanamh a chuireas beagan ’n ar làimh leis am faigh sinn biadh is aodach dhuinn fhein ’s do’n chloinn. Tha ’n teaghlach a’ fàs mòr, agus caithidh iad barrachd bìdh is aodach air na b’ àbhaist daibh, ged nach dean iad fhathast cuideachadh sam bith leinn. Ged nach ’eil m’ inntinn ag aontachadh leam gu tairgse Mhuruchaidh a ghabhail, tha toil agam oidhirp a thoirt air beagan a chosnadh ann an dòigh laghail sam bith a thig ’n am rathad. Tha fior thoil agam sgoil a thoirt do Dhomhull. Cha d’ fhuair mi fhein ach fior bheagan sgoile, agus tha mi ’g a ionndrainn sin gu mor. Nach bochd an gnothach dhuinn ma dh’ fheumas sinn Domhull a chur gu buachailleachd? Ged a rachadh e gu cosnadh, cha ’n urrainn da obair a’s truime na buachailleachd a dheanamh. Nam faigheadh e bliadhna no dhà eile anns an sgoil, rachadh aige, tha mi ’n dòchas, air sgriobhadh is leughadh is cunntas a dheanamh. Ach ma dh’ fheumas sinn a leigeadh gu cosnadh, bidh e ullamh ’s an sgoil. A bharrachd air sin, tha e glé òg air son a dhol gu obair sam bith. Faodaidh e [TD 218] [Vol. 8. No. 28. p. 2] droch cleachdaidhean ionnsachadh ma theid e gu cosnadh ’s e cho òg.” “Tha sin uile ceart gu leor, ’Aonghais; ach na dhéigh sin ’s gu leir, cha’n fheairrde cùisean thusa a dhol ann an ceann gnothaich mur soirbhich leat. Ciod sam bith mar a bhios cùisean, cha’n ’eil math dhuinn tuiteam ann am fiachan. B’ fhearr leam a bhith beathachadh mo chloinne le maorach a’ chladaich na gu’m biodh ainfhiach aig duine sam bith oirnn. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Thig dàil gu dorus.” Ach cha bhiodh mòran agam an aghaidh dhut falbh leis na h-uighean mar sheirbhiseach do Mhuruchadh. Tha mi cinnteach gu’n dean thu do ghnothach anns an dòigh sin cho math ri fear sam bith, cho fad ’s is aithne dhut. Abair ris gu’n dean thu d’uile dhìchioll air an reic cho math ’s a ghabhas deanamh.” “Cha leig an nàire dhomhsa mi fhein a thairgse dha anns an dòigh sin, a Mhòr. Agus a bharrachd air sin, ged a chuirinn an tairgse mu ’choinneamh, is docha nach gabh e i. Is fhurasda dha duine ’fhaghinn a ghabhas uaithe na bheil aige, agus an corr, ged a bhiodh iad ann. Cha b’ann air son buannachd sam bith dha fhein a thug e an tairgse dhomhsa. Ach theid mi far am bheil e co dhiubh, agus thig sinn a dh’ ionnsuidh co-dhunaidh air choreiginn mu’n chùis.” An uair a chaidh Aonghas far an robh Muruchadh, dh’innis e dha gu saor, soilleir mar a thuirt a bhean ris. Thuirt Muruchadh ris, “Faigh thusa deiseil gu falbh. Ma theid cùisean ’n ad aghaidh, cha bhi call sam bith ort; ach cha gheall mi turasdal a thoirt dhut. Agus ma theid cùisean gu math leat, is leat fhein a h-uile peighinn a ni thu de bhuanneachd a bharrachd air na bhios aig Niall Ruadh ri fhaotainn air son an fharaidh. Saoilidh mi nach bi dad agad fhein, no aig a’ mhnaoi an aghaidh an tairgse so a ghabhail.” An uair a chuir Aonghas agus a bhean an comhairle ri ’cheile mu’n chùis, thuirt iad a beul a cheile, nach bu chòir dhaibh an tairgse a dhiultadh. An ceann beagan ùine sheòl e fhein agus an triuir eile anns a’ bhàta aig Niall Ruadh. Mar a dh’ainmicheadh mar tha, chaidh an turus gu tur, dona ’n an aghaidh. Bha iad ann an Canaidh, agus na h-uighean air a dhol o fheum, agus am bàta ann am feum càraidh; oir an uair a thug iad na cìsteachan uighean aisde, agus a fhuaradh saor gus a càradh, is ann a chunnacas nach e mhàin gu’n robh mòran dhi sgaoilte, ach mar an ceudna, gu’m feumaidh i iomadh bòrd ùr a chur innte, do bhrigh gu’n d’ thug na tairneann-barraidh an làn leotha as an fhiodh. Is ann a bha e ’na iongantas leis na h-uile a chunnaic i gun d’ thug iad am mach tìr idir leatha. Cha robh aig an luchd-turuis ach feuchainn ris a bheairt a b’fhearr a dheanamh de’n bheairt bu mhiosa. Ged a tha muinntir Chanaidh còir, caoimhneil riutha, dh’fheumadh iad oidhirp a thoirt air tilleadh dhachaidh cho luath ’s a dh’fhaodadh iad. Ach cha robh sin furasda dhaibh. Bha e air tighinn anamoch anns a’ bhliadhna, agus cha robh a’ chùis coltach gu’m faigheadh iad bàta a bheireadh dhachaidh iad ni ’s lugha na thuarasdalaicheadh te. Agus o’n a bha iad gun a’ bheag a dh’airgiod air an siubhal, cha robh e furasda dhaibh bàta fhaotainn. Thagh iad na bha de na h-uighean gun dol o fheum, agus reic iad comhladh ris na bh’ aca de dh’ ìm ’s de chàise. Air an dòigh so chuir iad cruinn de dh’airgiod na phàigh beagan tuarasdail do ’n cheathrar dhaoine tapaidh a ghabh os làimh falbh leotha ann am bàta chòig tunna gus an cur air tìr anns an àite a b’ fhaisge dhaibh de’n Eilean fhada. B’fheudar do Niall Ruadh ’s do ’n dithis de luchd-sgiobaidh a bha comhladh ris, fuireach gus an do chàireadh am bàta. Agus mu’n d’ fhuair iad a caradh, thàinig orra a dhol gu ruige Arasaig a dh’iarraidh beagan de dh’ fhiodhrach-tarsuinn gus a chur innte. An àm a bhith ’toirt nan cisteachan uighean as a’ bhàta ann an Canaidh, ghortaich Aonghas Mac Alasdair a chom gu h-olc. Thòisich e ri cur am mach beagan fala aig an àm. Ach nan do ghabh e cùram dheth fhein, is dòcha gu’n robh e air faotainn as a chionn. Ach cha d’ rinn e sin. Cha do thuig e gu’n robh an gortachadh cho mòr ’s a bha e; agus mar sin, cha do ghabh e mor-shuim de ’thrioblaid. Eadar a h-uile uidil is anasdachd a fhuair e, dh’ fhàs e ’na eiribleach truagh mu’n d’ ràinig e dhachaidh. Ach bha e toilichte gu leòr aon uair ’s gu’n d’ fhuair e d’a bhothan bochd fhein, ged a b’ ann lom, falamh a thill e. An uair a thòisich e ri gearain ris a mhnaoi mar a chaidh cùisean cho mòr ’na aghaidh air a thurus, thuirt i, “Beanneachd leis gach nì a dh’fhalbhas; cha ’n e dh’fhoghnas. Is math gu’n d’thainig tu, ’Aonghais. Is iomadh fear a dh’ fhalbh nach do thill riamh dhachaidh. Bidh dùil ri beul cuain, ach cha bhi dùil ri beul uaghach.” Cha do thuig a bhean bhochd gu’n robh galair a bhàis air a shiubhal, ged a bha e ann am fìor dhroch coltas. Ach bha amhrus trom aige fhein nach cuireadh e dheth a thrioblaid gu bràth. Air eagal mi-mhisneach a chur oirre cha d’ innis e dhi gu’n robh e cho tinn ’s a bha e. Laidh e an latha sin fhein air an leabaidh, agus cha d’ éirich e riamh tuilleadh. Ged a bha ’thrioblaid trom, cha chualas riamh a’ gearain e. Nan robh àrach math aige, is dòcha gu’n d’ sheas e ris beagan ni b’fhaide; oir tha e air a ràdh, gur treise àrach math na meath-ghalair. Cha robh ni a b’urrainn di a dheanamh nach robh a bhean a’ deanamh ris. Ach air a shon sin ’s gu léir, bha e ’sior dhol uaithe a h-uile latha. Bha Muruchadh Ceannaiche anabarrach cuimhneach air a bhith dol ’ga amharc, agus air a bhith cur gach nì g’ a ionnsuidh a shaoileadh e a dheanamh feum dha. Bha Muruchadh, an duine còir, cneasda, ag iomchain air fhein gu trom, a chionn gur e a chomhairlich Aonghas gu falbh air an turus mi-shealbhach a chuir galair a bhàis ’n a aoraibh; ach an uair a thachras call cha dean iomchain feum sam bith. Tha tinnsgioltadh aig gach trioblaid, agus an uair a thig an trioblaid feumar cur leatha. An latha ’dh’ eug Aonghas, bha Muruchadh anns an t-seòmar ’na shuidhe ri taobh na leapadh anns an robh e ’na laidhe. An uair a thuig e gu’n robh e gu math dlùth air a’ chrich, dh’ iarr e a’ chlann a thoirt a steach n’ a lathair. Thugadh a steach ’nan ceathrar iad. Ach bha triuir dhiubh cho òg ’s nach robh tuigse aca ciod e an nì a bh’ anns a’ bhàs. Ach bha Domhull, an aon bu shinne de’n teaghlach, a’ tuigsinn glé mhath mu’n chùis. Thuirt Aonghas ann am briathran fann, “A Mhuruchaidh, ged a tha làn-chinnt agamsa gu’n dean Mòr a dleasdanas do’n chloinn so cho math ri té a tha beò, tha mi ag earbsadh riutsa gu’n toir thu comhairle na còrach orra cho tric ’s a dh’ fhaodas tu. An uair nach gabh iad suim do comhairle am màthar,is dòcha gu’n gabh iad do chomhairle-sa. Is minic a ghabh mi fhein comhairle caraid mòran ni bu deònaiche na ghabhainn aon chomhairle a bheireadh mo phàrantan orm. “Agus, a Dhomhuill,” ars’ esan ’s e ’tionndadh ris an aon bu shinne de’n chloinn, “bi umhail do d’ mhàthair, agus na dìchuimhnich cuideachadh a dheanamh leatha fhad ’s a bhios i beò, agus comas agad air. Gu ma fearr leat a bhith ann an éis ’s an anacothrom na tuiteam ann am fiachan. B’e eagal gu ’m b’ éiginn dhomhsa tuiteam ann am fiachan a thug orm a dhol air cheann an turuis anns an d’ fhuair mi galair mo bhàis. Is e dleasdanas gach uile dhuine a dhol troimh ’n t-saoghal le fìrinn ’s le onair. Thoir an aire nach dean thu nì sam bith a bheir masladh do m’ chnàmhan-sa anns an ùir. Cuir deadh eisimpleir roimh ’n fheadhainn a’s òige na thu, agus thoir thu fhein suas do Dhia.” Thuirt e an sin ris gach aon a bh’ anns an t-seomar: “Mu ’n éirich a’ ghrian am màireach thig mo thrioblaidean-sa gu crioch. Cha ’n ’eil eagal sam bith orm roimh onafhadh Iordain. Tha ’n t-airgid-aisig pàighte. Tha m’ earbsa gu leir annsan a fhuair bàs a chum gu’m biodh beatha shiorruidh aig na h-uile a chuireas an dòchas ann. A Mhor, ged a tha mise ’g ad fhàgail, cùimhnich gu’m bheil fear-taighe nam bantrach agus athair nan dìlleachdan ag ràdh, nach fhàg agus nach tréig e neach sam bith a chuireas a dhòchas ann. Is e làimh-chuideachaidh mìle uair is fhearr dhut na aon duine a chunnaic thu riamh. Cuir thu fhein ’s a’ chlann air a churam aig gach àm agus anns gach àite, agus cumaidh a shìth bheannaichte d’ anam aig fois gu siorruidh na siorruicheachd. Cha ’n abair mi an corr ribh, oir tha mi ’faireachadh gu ’m bheil mo neart a’ tréigsinn gu mor. Mo mhìle beannachd agad, a Mhòr. Bha thu riamh math dhomhsa. Ged a tha sinn a’ dealachadh an diugh le bròn, coinnichidh sinn an ùine gun bhith fada far nach bi deur no bròn a chaoidh. Gu robh gràsan an Tighearna Iosa Criosd, gràdh Dhé an Athar, agus co-chomunn an Spioraid Naoimh, maille ribh uile, a nis, agus gu siorruidh, Amen.” An uair a thuirt e so, dhùin e a shùilean, agus cha d’ fhosgail e riamh tuilleadh iad. (Ri leantuinn.) FAILTE NA BLIADHN’ UIRE. (A Caraid nan Gaidheal.) (Air a leantuinn.) Bha a’ chuideachd uile toilichte le òraid no searmoin an t-Samhraidh. Bha da rìreadh trì làithean ’an cois na Bealltuinn nach robh taitneach do chuid a bha làthair. B’ iad sin, latha a’ mhàil, latha na h-imrich, agus latha nach robh riamh air deireadh—’s e sin, latha na dàlach, a thig gu dorus, ’s nach fàilnich. Ach bha an ràithe àghmhor so anabarrach taitneach, a dh’ aindeoin so uile. ’S maith a thuirt am bàrd Abrach, Eòghan milis, “Smeòrach Chlann-Lachainn”— “Na ’n innsinn sios gach ni bu mhiann leam Ann am briathran seolta, Cha chuirinn crioch le dealbh ’am bliadhn’ Air ceathramh trian de n’ b’ eol domh. Mu ghloir nan speur, ’s an saogh’l gu leir, A lion le h-eibhneas mor mi, ’N uair rinn mi eiridh maduinn Cheitein, ’S dealt air feur nan lointean.” Cha’n ’eil e ’n ar comas cunntas mion a thoirt air an ath chùirtear mhòr a thàinig ’n a charbad, le a thrì mìosan, ’s a sheachduinibh féin le ’n cuid làithean ’n an cois—am “Fogharadh buidhe, reachdmhor, trom.” B’ anabarrach taitneach an fhàilt’ a chuir mòran de dhaoine bochd’ air, mar chunnacas e ’tighinn, ’s a sguab reachdmhor, throm thar a ghualainn—ùbhlan, ’us peuran, ’us bagaidean chnò, agus dearcan de gach seòrsa—subh-craobh ’us smeuran, na h-àirneagan gorma ’s an caorann dearg aige ’g an sgapadh ’n am measg. Cò iad na fleasgaich shuilbhearra ’tha ’n a chuideachd, a’ siabadh an fhalluis o’n gruaidhean dearga, an aodainn air an dothadh le losgadh-gréine agus breaca-seunain? Tha làithean an iuchair. [TD 219] [Vol. 8. No. 28. p. 3] Faic mar tha spréidh agus daoine ’g iarraidh fasgaidh uapa o’n teas! Tha pailteas a nis aig gach aon; tha sgraing chrosda an acrais, agus gorta chruaidh an t-samhraidh, a’ teicheadh. Nach fonnmhor an t-òran buana, an luinneag thaitneach! Faic na buanaichean a’ strì le farpuis chridheil!—na h-òganaich a’ ceangal nan sguab! O ’s ciatach làithean òg’ an fhogharaidh!—am feur-saidhe ’g a sgaoileadh—an seann duine ’cur fiaclan ùra ’s na ràchdain—na rolagan ’g an tionndadh air an dail mhòir. Faic! tha fras a’ cruinneachadh. Fire, faire! ’s ann an so tha’n othail. Faic na h-eich a nis ’n an deann-ruith le slaoid agus currainn, a chruinneachadh an fheòir. Nach iad na balachain bheag’ a tha sùrdail! Tha na mulain ag éiridh gu tomalta. Faic seann Lachann Bàn a’ snìomh na sìoman. Tha na caileagan beaga ’deanamh phaidireanan de na blàthan, ’s iad a’ dannsadh ’s ri falach-fead ’am measg nam mulan. Ach cò a’ chuideachd a tha ’tighinn ’s an anmoch cho toilichte? C’ar son a tha glaodh nam buanaichean cho àrd? Ciod is ciall do’n aighear ’s do ’n t-sùgradh? Tha ’bhuain seachad; tha a’ mhaighdean-bhuana ’g a giùlan dachaidh le gàirdeachas; tha ’n sac mu dheireadh a’ ruigheachd na h-iolainn; tha na saibhlean loma-làn, agus thogadh iolach-ghairdeachais. Cia sòlasach an tuathanach còir! Chuir e le deurabh, ach a nis tha e ’buain le sòlas. Tha gàirdeachas air ’anam gu ’m bheil pailteas aige air a thasgadh suas air son a’ gheamhraidh. Am fiosrach leat-sa, O m’ anam! gàirdeachas air bith de’n t-seòrsa cheudna? Tha àm an fhogharaidh mhòir a’ tarruing dlùth. Am bheil thusa ’g abuchadh air a shon? Tha ’n ùine gèarr. mì-chinnteach—“feuch a nis an t-àm taitneach, feuch a nis latha na slàinte.” “Tha am fogharadh seachad—tha ’n samhradh crìochnaichte; ach cha’n ’eil sinn air ar tèarnadh.” “Eirich, a lunndaire, gu grad, ’S thoir ort an seangan beag gun stad; Oir ged nach d’ fhuair e riamh fear-iuil, No neach g’a ghreasad air a chul, Fa chomhair geamhraidh ni e deas, A’ cuimhneachadh gun tamh a leas, ’S an t-samhradh trusaidh e a lon; ’S an fhoghar, iomlan tha a stor.” Cha luaithe ’bhios am fogharadh seachad, na thig atharrachadh mòr air aoidhealachd an t-saoghail. Tha gruaim agus mulad a’ teachd air aogus an domhain; tha ’n latha ’fas goirid, “mar chloich a’ ruith le gleann, feasgar fann fogharaidh;” tha’n oidhche air dol ’am fad; tha ’n snothach a’ pilleadh air ais do bhun nan craobh; tha meanbh-bheathaichean an talaimh a’ teicheadh d’ am frògan dorcha. Amhairc, agus thoir fainear an Geamhradh fuar, doinionnach, reòta. Sud e a’ tighinn ’n a charbad cruaidh iaruinn! Nach gruamach am bodach? a chiabhan glasa m’a ghuaillibh, agus boinne reothaidh as gach aon diubh. Faic mar tha duilleagan nan craobh a’ seacadh as!—mar tha na lusan maoth’ a’ folach an cinn! Tha bròn a’ teachd air aghaidh an t-saoghail; tha long mhòr nan trì chrann a’ ruith gu cala; tha na buachaillean a’ trusadh dhachaidh na spréidhe; tha gach eun a’ pasgadh a ribheid; agus gach creutair a’ dlùthachadh ri blàs. “Na h-eoin bhuchallach, bhreac-iteach, ghrinn, ’Sheìnneadh basganta, binn, ’am burr dhos, Gu’n teid a’ ghlas-ghuib air am beul, Gun bhogha, gun teud, ’s iad ’n an tosd. Sguiridh buirdeasaich sgiathach nan speur D’an ceileirean greadhnach ’s a’ phreas, Cadal cluthor gu’n dean anns gach cos, ’Gabhail fasgaidh ’am frogaibh nan creag, ’S iad ag ionndrainn nan gathanna blath ’Bhiodh a’ dealradh o sgaile do theas.” ’S iomadh càineadh a rinneadh air a’ Gheamhradh le bàird chrosda, ann an cuidealas agus ann an aineolas an cridheachan. Cha’n ’eil droch fhocal ’s a’ chànain nach do chleachd iad g’a smàdadh—mar an ràithe sneachdach, colgarra—an ràithe cnatanach, casadach, curraichdeach—agus mar sin sios. Ach co nach d’ fhiosraich sòlais a’ gheamhraidh?—seadh, sòlais a’ gheamhraidh? Tha a shòlasan fein fuaighte ris, a chearta cho maith ’s a tha iad ris an Earrach agus ris an t-Samhradh. Dha-san a tha ’faicinn Dhé anns gach ni, tha àilleachd anns an t-sneachda ’s anns an reothadh, anns a’ cheò agus anns an stoirm. ’S truagh leinn esan a’s urrainn an saoghal ’fhaicinn air a chòmhdachadh ’na dheise ghil, gun smaointean cràbhach a lìonadh a chridhe. O! tha gliocas, tha maitheas, tha caoimhneas, tha gràdh Dhé, r’am faicinn anns gach ni. MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. XLIX. Bha sinn seachdain no dha ann am Baile-Sheorais, mu’n d’ fhuair sinn ar gnothaichean a chur an ordugh. Agus cho luath ’s a fhuair sinn an cothrom, sheoil Daniel, Tomas agus mi fhin air luing a bha dol gu Sasunn. Ged nach do thachair droch shide ruinn air ar turus, bha sinn a’ gabhail fadachd gu leor; oir bha ghaoth iomadh latha direach ’nar aghaidh, agus gu math tric bha ’n t-side cho ciuin ’s cho briagha ’s nach robh e ’n comas do’n luing aghartas mor sam bith a dheanamh. Mu dheireadh rainig sinn Libhirpul gu sabhailte. Air ar turus dhachaidh bha sinn ’nar triuir a’ cur ar comhairle ri cheile feuch ciod an doigh anns am b’ fhearr dhuinn air cuid airgid a chur gu feum. Ged a bha fortan math againn air a dheanamh, bha toil againn tuilleadh a chur ris. A bharrachd air so, bha fhios againn nach freagradh e oirnn a bhith ’nar tamh. Mar a tha’n seanfhacal ag radh, “Am fear a bhios ’na thamh, cuiridh e na cait ’san teine.” Cha’n eil e gu math do dhuine sam bith a bhith a ’cur na h-uine seachad ’na thamh. B’ fhearr do dhuine gu mor a bhith ’g obair do dhaoine eile na bhith ’na thamh. Ach ged a bha sinn a bruidhinn air iomadh ni a dheanamh, cha do shuidhich sinn air obair shonraichte sam bith a dheanamh. Air a shon sin, chuir sinn romhainn gu’m biomaid anns an aon obair. Bha sinn air fas gu math eolach air a cheile, agus thuig sinn gu ’m freagramaid gu math air a cheile mar chompanaich. B’ e comhairle Dhaniel sinn a dheanamh dail gus an cuireamaid ar comhairle ri ’athar an uair a ruigeamaid Sasunn. Cha robh fhios aig athar no aig a’ mhathair gu’n robh e beo. Bha e bliadhnachan gu’n sgriob litreach a chur dhachaidh. Ach ged a bha, bha dochas aig a pharantas ris o nach cual’ iad iomradh air a bhas. Mar a tha’n seanfhacal ag radh, “Bidh dùil ri beul cuain, ach cha bhi duil ri beul uaghach.” An aite fios a chur do ’n ionnsuidh gu’n robh e air tighinn air ais beo, slan, is ann a chuir e roimhe gu ’n rachadh e thun an taighe gu bog, balbh. Thug e ormsa agus air Tomas falbh comhladh ris. Rainig sinn an taigh aird fheasgair. Agus gu cinnteach bha taigh ’athar ’na thaigh cho mor ’s cho maiseach ’s a b’ urrainn duine ’fhaicinn ach ainneamh. An uair a rainig sinn faisge air an taigh, sheas e, agus thuirt e, “Is iomadh latha toilichte a chuir mise seachad anns an aite so. Agus ged a tha iomadh bliadhna o’n a dh’ fhalbh mi, cha d’ thainig moran atharrachadh air an aite o’n a dh’ fhalbh mi. Tha gach aite an so a cheart cho math an ordugh ’s a bha iad an uair a chunnaic mise mu dheireadh iad. Ma tha m’ athar ’s mo mhathair beo, slan romhan, tha cùisean ceart gu leor.” An uair a rainig sinn geata ’gharaidh a bha mu’n cuairt an taighe, dh’ fhosgail Daniel e, agus cha sinn a steach ’nar triuir. Ghabh e suas an rathad glan, grinn a bha eadar an geata agus an dorus. Bhuail e an glag an uair a rainig e an dorus, agus ann an uine ghoirid thainig leith sheann duine a dh’ fhosgladh an doruis. Bha deise dhubh air, agus brollach mor, geal air. Agus thuig sinn uile gu’m b’e am buidealair a bh’ ann. Dh’ fheoraich Daniel an robh fear an taighe staigh, agus thuirt an duine gu ciuin, siobhalta, “Tha; ach co tha ’g iarraidh fhaicinn?” “Abair ris gu’m bheil sinn ann triuir, agus gu’n robh eolas aig dithis dhinn air iomadh bliadhna roimhe so. Mur aithnich e sinn an uair a chi e sinn, innsidh sinn an sin dha ar n-ainmeanan,” arsa Daniel. Dh’ iarr e oirnn a dhol a steach, agus thug e sinn do sheomar mor anns an robh moran leabhraichean, agus am pailteas de dh’ innsreadh maiseach. Sheall e gu geur air Daniel mar gu ’m biodh e smaointean gu’m fac’ e roimhe e. Thionndaidh e ’mach as an t-seomar, agus dhruid e an dorus ’na dheigh. “Nach neonach nach d’aithnich e mi!” arsa Daniel. “Tha e na bhuidilear aig m’ athair o’n is cuimhne leam. Am mach o ’m athar ’s o m’ mhathair cha’n eil duine eile dhe na dh’fhag mi as mo dheigh a’s fhearr leam fhaicinn na e.” Mu’n do tharr e am facal a leigeadh as a bheul, dh’fhosgladh an dorus, agus thainig athair Dhaniel a steach. Bha atharrachadh mor air tighinn air o’n a chunnaic mise ann an Glasacho e iomadh bliadhna roimhe sid; ach dh’ aithnichinn e, tha mi ’smaointean, ann an aite sam bith anns am faicinn e. Sheas e tiotadh air an urlar an deigh dha dhol a steach, agus sheall e oirnn ’nar triuir mu’n duirt e facal ruinn. Choisich Daniel ceum ’na choinneamh, agus thuirt e ris, “Am bheil sibh idir ’g am aithneachadh, ’athair? Am bheil mo mhàthair beo?” Rug an sean duine coir air a mhac ’na ghairdeanan, agus thug e pog dha. Cha b’ urrainn fear seach fear dhiubh facal a radh fad mionaid. Mu dheireadh thuirt an seann duine coir, “Tha do mhathair beo, ach tha i gun charachadh bhar na leapadh o chionn tri bliadhna ach mar a thogar aisde i. C’ar son nach robh thu sgriobhadh do ’r n-ionnsuidh? Tha sinn air ar fagail an so leinn fhein. Dh’ eug do dhithis bhraithrean o’n a dh’ fhalbh thu, agus tha do phiuthar posda anns na h-Innsibh. Ach is math gu ’n d’ thainig thu beo, slan. Ged a tha do mhàthair cho fad air an leabaidh, ’s e am bròn ’s am bristeadh cridhe galair is truime a th’ oirre.” Cha b’ urrainn Daniel aon fhacal a radh. Ged a bha e aotrom, gorach ’na oige bha e gu nadurra blath chridheach; agus an uair a chual’ e mar a bha cuisean, bha ’chridhe gu bristeadh. Fhad ’s a bha Daniel agus ’athair a’ bhrudhinn mar so, bha mise is Tomas ’nar seasamh anns an t-seomar, agus ar cridheachan air an taiseachadh gu mor. Is gann a bha athair Dhaniel a’ toirt an aire gu’n robh sinn anns an t-seomar, ged a bha sinn ’nar seasamh direach m’a choinneamh. Mu dheireadh thuirt e, “Co na fir so a tha comhladh riut?” “Bu choir dhuibh fear dhuibh aithneachadh co dhiubh; oir chunnaic sibh roimhe e,” arsa Daniel. “Le aois, agus le dragh trioblaidean troma na beatha so; tha mi an deigh moran de m’ aithne ’s dhe ’m chuimhne chall. Ach feumaidh gu’m bheil uine mhath o nach fhaca mi an duine. Tha aithne gun chuimhne agam air,” ars’ esan. “Chunnaic sibh ann an Glasacho e (Air a lenntuinn air taobh 222.) [TD 220] [Vol. 8. No. 28. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IANUARAIDH 19, 1900. AN COGADH ANN AN AFRICA. I. Ged a tha naigheachdan mu’n chogadh ann am beul gach neach, tha moran dhe’n t-sluagh aineolach air na h-aobhair a dhuisg an cogadh. Agus o’n a tha so mar so, tha iad lionmhor ann aig am bheil barrachd de chomh-fhaireachadh ris na Boeirich na th’ aca ris na Breatunnaich. Agus air an aobhar sin, bhiodh e ro fheumail gu’m biodh tomhas math de dh’ fhiosrachadh air a thoirt do gach aon aig nach ’eil fios mar tha air aobhar na h-aimhreit. Nadarra gu leor, tha moran a bharrachd fiosrachaidh againne air aobhar a’ chogaidh air an taobh so dhe’n chuan na’s urrainn a bhith aig aireamh mhor dhe’n t-sluagh a tha ann an iomadh cearn eile dhe ’n t-saoghal. Agus o’n a tha inntinnean nan Gaidheal a tha sgapteadh air feadh an t-saoghail air taobh Bhreatunn aig an àm so, is e ar barail gu’m biodh e anabarrach freagarrach gu ’m biodh fiosrachadh air a thoirt dhaibh mu thimchioll nithean air am faodadh iad a bhith aineolach. Ach ged a bhiodh am MAC-TALLA moran na’s mo na tha e, lionadh naigheachdan a’ chogaidh a h-uile duilleag dheth o ’thoiseach gu ’dheireadh a h-uile seachdain o’n a thòisich an cogadh gus an tig crioch air. Cha bhiodh e as an rathad, anns a cheud dol am mach, beagan a radh mu thimchioll nithean a thachair a chionn tri fichead bliadhna. Bha na Boerich fo riaghladh Bhreatuinn gus a’ bhliadhna 1836. Is ann fo riaghladh Bhreatuinn a bha parantan Chrugair fhein an uair a rugadh e, agus bha iad a’ fuireach aig an am ann an Ceap Colonaidh. Mu’n am ud, dh’ fhalbh aireamh mhor dhe na Duitsich a Ceap Colonaidh a chionn nach robh iad riaraichte le riaghladh Bhreatuinn, oir bha Breatunn ag iarraidh aig an àm ud, mar a tha i ag iarraidh an diugh, gu ’m biodh an aon lagh agus an aon cheartas aig gach duine geal a bhiodh fo a riaghladh. Cha robh so idir a cordadh ris na Duitsich. Bha toil aca an doigh riaghlaidh a chordadh riutha fhein a chur suas. Cleas na Mormonach ann an America, chaidh iad a dh’ aite fasail, iomallach a chum gu’m biodh comas aca air an toil fhein a dheanamh gun duine sam bith fhaighneachd. An uair a thug Breatunn saorsa do na traillean (slaves), phaigh i suim mhor airgid do na Boerich air son an saorsa thoirt do na traillean. Ach ged a ghabh iad an t-airgiod, cha b’ ann le ’n toil. Agus ghabh iad grain air Breatunn a chionn toirt orra an saorsa ’thoirt do na traillean. Anns a’ bhliadhna 1852, dh’ aontaich Breatunn gu ’m faigheadh na Boerich a chaidh mu thuath air am amhainn Bhaal (Transvaalers) cead an aite fhein a riaghladh. Agus dà bhliadhna na dheigh sid, thug Breatunn air a’ chuid dhiubh a dh’ fhuirich air taobh deas na h-aimhne ud, doigh riaghlaidh a chur suas dhaibh fhein. Is i so an Staid ris an canar Orange Free State. Ach ged a chunnaic Breatunn aig an àm ud iomchuidh so a dheanamh, bha na Duitsich so—no mar theirear an diugh riutha, na Boerich—fo ghealladh gu’n gluaiseadh iad iad-fhein gu modhail, iomchuidh, araon ’nam measg fhein, agus ris gach sluagh a bhiodh anns a’ choimhearsnachd aca. Mar dhearbhadh gu’n robh iad fo’n ghealladh so, foghnaidh dhuinn a radh, gu’n do chuir Breatunn stad orra beagan bhliadhnaichean na dheigh sid, an uair a bha iad a’ cur rompa aon staid a dheanamh dhe na bh’ aca de dh’ fhearann air gach taobh dhe ’n amhainn Bhaal. Am feadh ’s a bha soirbheachadh mor anns an Staid Shaoir (Free State), bha muinntir na Transbhaal a sior dhol uaithe o bhliadhna gu bliadhna. Bha aimhreit ’nam measg fhein a chionn nach robh iad toileach ceartas a dheanamh eadar duine agus duine. Bha iad mar an ceudna air thuar a bhith air an cur fo na casan leis na daoine dubha a bha cho lionmhor mu’n cuairt na duthchadh aca. Anns a’ bhliadhna 1877, an uair a chunnaic Breatunn gu’n robh iad cho lag ’s nach rachadh aca air na daoine dubha a chumail ’nan aite fhein, chaidh i anns an eadraiginn, agus an deigh dhi na daoine dubha a chur fo smachd, chuir i suas luchd-riaghlaidh cothromach agus ceart ann am Pretoria. Ach an aite bhith taingeil do Bhreatunn air son na rinn i de mhath dhaibh, is ann a thoisich iad ann an ùine ghoirid ri deanamh ar-am-mach ’na h-aghaidh. An uair a chuir iad gu bas leis an fhior cheilg an aireamh bheag de shaighdearan Breatunnach air an d’ fhuair iad cothrom air Sliabh Mhajuba, rinn Breatunn sith riutha. Is e so car cho amaideach ’s a rinn Breatunn riamh. Bha na Boerich an duil riamh o’n uair ud, gu’m b’e an t-eagal a bh’ air Breatunn rompa a thug oirre a bhith cho toileach air sith a dheanamh riutha. Bu mho a dheanadh deich mile saighdear Breatunnach an uair ud a dh’ fheum ’nam measg na ni sia fichead mile an diugh. Mar a tha’n sean fhacal ag radh, “Ge b’e nach ionnsaichear ris a’ ghluin, cha ’n ionnsaichear ris an uillinn.” Anns a’ bhliadhna 1881, rinneadh cumhnantan araidh riutha. Ach tha e soilleir do gach neach a bha ’gabhail beachd air na doighean anns an robh iad ’g an gluasad fhein o’n am ud, nach robh e idir ’nam beachd cumail ris na cumhnantan a rinneadh riutha. Anns a’ bhliadhna 1884, dh’ aontaich Breatunn beagan atharrachaidh a dheanamh air na cumhnantan a rinneadh tri bliadhna roimhe sid, an duil gu’n gabhadh iad riarachadh; ach cha ghabhadh. Mar bu mho a bheireadh Breatunn dhaibh, is ann bu neo-thaingeile a bha iad a’ fas. Ged nach robh feum sam bith aca air armachd, bha iad gu bog, balbh a’ deasachadh air son cogaidh o chionn ochd bliadhna deug. Bha fhios aig iomadh neach air so; ach cha robh an aireamh bu mhò de shluagh Bhreatunn a’ creidsinn gu’n robh olc sam bith fa near dhaibh. Ach tha iad a nis ’ga chreidsinn air an cosg fhein. Feumaidh sinn a’ chumail nar cuimhne nach robh Breatunn a’ togail bonn-a-sia de chis bhar na Transbhaal. B’e brigh a’ chumhnanta a rinn Breatunn ri Crugair, gu’n tugadh e an aon chothrom agus an aon cheartas do gach uile seorsa dhaoine a rachadh do ’n duthaich aige ’s a bheireadh do ghnath-mhuinntir na duthchadh. Nan d’ rinn e so, cha chuireadh Breatunn dragh sam bith air. Agus faodar a radh le firinn nach do chuir rioghachd Bhreatuinn dragh sam bith air. Is esan a thoisich ris na aimhreit, agus gheibh a chuid dhaoine, truagha, aineolach an diol dhe’n aimhreit an uine gun bhith fada. IAIN. Biodh faire agad ort fein, mosgail thu fein is ge bith a dh’ eireas do dh’ fheadhain eile, na dean thusa di-chuimhn’ ort fhein. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Dr. H. Zimmer, Griefswald, Gearmailt. Gilleasbuig Camaran, Victoria, B. C. Calum Dughlach, Valley, N. W. T. D. Mac Fhionghain, Earlswood, N. W. T. Eachunn Mac Coinnich, Waipu, N. Z. Domhnull Rothach, Reynoldstown, N. Z. E. N. Domhnullach, Reedsville, Que. Calum Mac Leoid, Springhill, Que. Iain F. Mac Leoid, Springhill, Que. Padruig Mac-an-t-Saoir, Tolstoi, Que. T. Mac Leoid, Steornabhagh, Que. C. Mac Fhearghais, San Francisco, Cala. Aonghas Gillios, Sappho, Wash. Cailean Mac Ritche, Holeb, Maine. Niall Mac Guaire, Amhuinn Bheag, Nfld. Iain Mac Gill-fhaollain, Gagetown, Mich. R. D. Mac Leoid, Fargo, Dakota Tuath. L. T. Hamilton, Fargo, Dakota Tuath. D. McI. Caimbeul, Dartmouth, N. S. I. Mac Gille-bhrath, Dunmaglass, N. S. Alasdair Domhnullach, Glen Roy, N. S. Domhnull Boyd, Fraser Mills, N. S. Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifax, N. S. Iain I. Siosal, Pictou, N. S. Iain I. Sutharlan, Kerrowgare, N. S. Cailean I. MacPhail, Arygle Shore, E. P. I. Iain Mac-a-Phi, Heatherdale, E. P. I. A. Mac Leoid, J. P., Valleyfield, E. P. I. Iain Mac Calamain, Rudha Phrim, E. P. I. Iain Caimbeul, Beinn Bhuchanan, E. P. I. Thor. W. Moireastan, Flat River, E. P. I. Alasdair Beutan, Melville, E. P. I. Iain G. Caimbeul, Heatherdale, E. P. I. Domhnull Stiubhart, Brussels; Ont. Iain Mac Artair, Ivan, Ont. A. M. Caimbeul, Aldborough, Ont. D. Mac Amhlaidh, Southampton, Ont. Gilleasbuig Bell, Wiarton, Ont. C. Mac Gille-mhaoil, Priceville, Ont. D. Mac Aonghais, McIntyre, Ont. Seumas M. Glen, St. Thomas, Ont. Domhnull Mac Mhuirich, Ceylon, Ont. Phaigh aireamh mhath a bharrachd orra so, ach ’s fheudar dhuinn an ainmean a chumail air son na h-ath aireamh. Tha geamhradh briagha, fosgailte againn cho fada so. Tha na h-acarsaidean gun deigh orra, ’s na bataichean-aiseag a ruith cho riaghailteach ’sa b’ àbhaist daibh ’san t-samhradh. B’e Di-ciaduin sa chaidh a cheud latha thainig air an robh fior choltas a gheamhraidh. Cha’n eil air an taobh so de’n eilean ach gle bheag sneachda fhathast; ach tha barrachd air an taobh eile, agus tha an sin deagh roidean aca air son shleigheachan. Thatar a dol a thoirt ionnsuidh eile air an t-or fhaotainn timchioll air Hogamah. Tha sinn an dochas gu faigh iad e, agus gu leor dheth. Agus tha sin an dochas cuidachd, gu faigh iad gu math pailt e mu’m feuch iad ri thoirt air an t-saoghal a chreidsinn gu bheil Hogamah na’s fhearr na ’n Clondaic, mar a rinneadh a bhliadhna bhatar a cladhach ann roimhe. Ma dh’ eireas sùrd ort is mor an t-sith a gheibh thu, is fasaidh d’ obair na’s aotrama le feartan nan gràs, is le d’ ghràdh air subhailcean. ’Se gleac an adhaidh ar beachdan ’s ar gniomhan strith a’s motha na obraichean cruaidhe corporra. Bidh toil-inntinn ort daonnan mu feasgar ma bhuilich thu an latha gu math. [TD 221] [Vol. 8. No. 28. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha Morair Strathcona an deigh tairgse thoirt do Riaghladh Bhreatunn ceithir cheud saighdear-each fhaotainn anns an Iar Thuath ’san cur ’nan lan uidheam, air a chosdas fhein, gu ruige Africa Deas. Tha an riaghladh an deigh a thairgse ghabhail. Tha ’n amhach ghoirt air bristeadh a mach gu dona aig Alba, eadar Acarsaid Chloinn Fhionghain ’s Orangedale. Tha aon tigh le fear MacNeacail, anns am bheil a h-uile duine dhe’n teaghlach nan laidhe leis—eadhon Mac Neacail fhein, ged a tha e corr us tri fichead bhliadhna dh’ aois. Tha am fios mu dheireadh a thainig Dior-daoin, ag radh gu bheil da bhuidheann de’n arm a tha fo Bhuller an deigh faotainn tarsuinn an amhuinn Tugela, agus ’gan daighneachadh fhein anns na cnoic air an taobh thall. Tha so na sgeul math, agus tha i fior, ni nach b’urrainnear a radh mu iomadh sgeul eile thainig roimhe so. Bha sinn a’ gearan an so air an am aig am bheil an carbad a falbh ’sa tighinn, ach ’s ann a tha e coltach gu bheil luchd riaghlaidh an rathad air son a chuis a dheanamh na’s miosa na tha i. Tha iad an drasda bruidhinn air an tim-chlar atharrachadh air dhoigh ’s nach ruig an carbad Sidni gus an deigh meadhon oidhche. Ma ni iad sin, tha duil aca ri carbad oidhche a ruith eadar Sidni us Halifacs. ’Se ’s aobhar do atharrachadh an tim-chlair aig an am so nach eil muinntir Chuebec riaraichte leis; bha’n carbad a fagail Montreal mu mheadhon latha, agus a ruigheachd Cuebec uaireigin air feadh na h-oidhche. Cha’n eil moran ri innse mu’n chogadh air an t-seachdain so. Cha’n eil teagamh nach eil na Breatunnaich ag obair, ach ma tha, tha ard-cheannardan an airm a cumail an t-saoghail an aineolas air ciod a tha iad a dheanamh. Cha’n eil iad air son fhios a bhi aig na naimhdean ciod a tha ’nam beachd a dheanamh, no ciod a tha iad a’ cur ris gach latha; agus air son am fiosrachadh sin a chumail o na naimhdean, feumaidh iad a chumail o na h-uile; mar sin cha’n eil cead aig luchd nan naigheachd a tha ’n cois an airm, fios sam bith a chur dhachaidh a dh’fhaodadh a bhi na chuideachadh do no Boers. O’n chaidh Kitchener a mach thatar na’s cruaidhe anns an doigh sin na bhatar roimhe. LITIR A AFRICA DEAS. O Aon de na Saighdearan Fhein. DE AAR, Cape Colony, Des. 1, 1899. —A Charaid,—Tha mi ’dol a sgriobhadh litir ghoirid gu MAC-TALLA. Cha chreid mi nach bi moran toilichte fios fhaotainn o na gillean a dh’ fhalbh a Canada do chogadh an Transvaal. Dh’ fhag sinn Cuebec ann an deagh àm, ’nuair a bha ’n geamhradh a tòiseachadh, mar sin a seachnadh an fhuachd. Thug sinn deich latha fichead eadar Cuebec us Cape Town; agus chaill sinn aon duine bochd ’nuair a bha sinn trì latha mach. Tha sìde eireachdail againn anns an dùthaich so an drasda; ach cha dùthaich briagha i idir. Tha moran dith anns nach fhaicear ni ach fearann fas, beanntan mora agus creagan. Bidh na Boers ’gam falach fhein air chul nan creag ’s air mullach nan cnoc, agus, ’nuair a ni iad sin, cha ’n e ’n soirbh an cur as;—cha dean ni an gnothuch orra ach dearrsadh as na gunnaichean mora air neo a bheaglaid. Leis an doigh fhalaich so, theid aca air aireamh de na saighdearan Breatunnach a mharbhadh, gun iad fhein a nochdadh no duine chall. Cha seas iad blar ann an àite fosgailte idir. Chaidh Boer a thilgeadh an so an la roimhe mar fhear-brathaidh, agus chaidh dithis eile ghlacadh air son a bhi feuchainn ris na naigheachdan a ghoid o’n telegraph. Tha na Boers air feadh na dùthcha ceithir-thimchioll oirnn. Faodaidh a bhith nach bu mhisde leibh mi dh’ innse dhuibh ciod an coltas duine th’ anns a Bhoer. Tha e ’na dhuine mor, slaodach, nach eil, a reir a choltais a nigheadh aodainn latha deug ’sa bhliadhna, agus nach biodh deonach leigeil le duin’ eile dheanamh air a shon. Ma shaoileas e gu bheil e dol a thoirt buaidh, tha e gle ullamh gu dhol a shabaid, ach ma tha e car teagmhach mu ’n chuis, tha e na ghealtair cho mor ’sa th’ air an t-saoghal. Ged a tha iad car ionnsaichte mar shaighdearan cha ’n eil deis-airm ac’ idir; tha gach duine na dheise fhein. Cha mhò a tha biadh a dol ’nan cois do ’n chogadh; tha aca ri ’n cuid bidh a chruinneachadh air feadh na dùthcha mar is fhearr is urrainn daibh. ’Nuair a tha iad aig baile an am sìthe, cha bhi iad ri dad ach a sealg, agus bidh aig na boirionnaich ri bhi ris an tuathanachas. Cha ’n eil anns an reiseamaid a chuir Canada a mach ach triuir a mhuinntir Cheap Breatunn: I. D. Mac Neill, á Acarsaid Chloinn Fhionghain; Uilleam Mac Ille-mhaoil, á cheann Loch Ainslie; agus mi fhin. Cha ’n eil an àireamh ach beag, ach ’s fhearr a triuir fhein na bhi gun ghin idir; agus tha iad a dol a dheanamh nas urrainn daibh air son onair Cheap Breatunn—“an t-eilean ’san d’ fhuair sinn ar n-àrach.” Tha sinn an so mu 7,000 anns an aon champa. Tha na miltean a dol air aghart do ’n chogadh a h-uile latha; agus cha ’n eil latha ’dol seachad gun ceithir no coig de shoithichean luchdaichte le saighdearan a tigh’n a stigh do Chape Town. Cha ’n eil an corr agam ri innse dhuibh an drasda. Cuiribh am paipear an deigh so gu m’ athair, Colla Caimbeul, Ceann Beighe Hogamah. Ged a leanadh sibh air a chur gu ’m ionnsuidh fhein ’s docha gur ann uair ’s na tri miosan a ruigeadh e mi. A guidhe Bliadhna Mhath Ur agus moran diubh, is mi, Ur caraid dileas, AONGHAS CAIMBEUL. A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle THA AGAINNE Cotaichean agus Colairean Bein, Tha toil againn an Creic, Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dduibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean. J. C. MILLS. Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. [TD 222] [Vol. 8. No. 28. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 219.) agus bha greis comhraidh agaibh ris,” arsa Daniel. Sheall an seann duine orm gu geur, agus thuirt e, “Is tusa Eachann Camaran. Cha ’n aithnichinn idir thu. Thainig atharrachadh mor ort o’n a chunnaic mise thu.” Rug e air laimh orm gu caomhail cairdeil. “Bha Eachunn agus Tomas Murphi,” arsa Daniel, agus e tionndadh ri Tomas, “’nan companaich dhileas dhomhsa o chionn aireamh bhliadhnachan, agus dh’ iarr mi orra tighinn an so comhladh rium. Tha ’n mi ’n dochas nach ’eil dad agaibhse an aghaidh iad a thighinn ’nam chuideachd an so.” “Is e am beatha tighinn an so. Tha mise an diugh na’s toilichte na bha mi o chionn fada. Deanaibd suidhe. Mar a theireadh iad anns a’ Ghaidhealtachd, ‘Is luaidhe deoch na sgeul.’” An uair a thuirt e so, bhuail e an glag, agus gun dail thainig am buidilear a steach. “Am bheil thu ’g aithneachadh fear sam bith dhe’n triuir so?” ars’ an seann duine. Sheall am buidilear oirnn gu geur, agus thuirt e, “Cha chreid mi nach e Mr. Daniel a tha’n so, ma tha e beo.” Choisich Daniel ceum far an robh am buidilear ’na sheasamh aig an dorus, agus rug e air laimh air gu cridheil. “Thoir a steach aran is fion,” ars’ an seann duine. An uair a thainig an t-aran ’s am fion a steach, thuirt an seann duine ri Daniel. “Bheir thusa rud dhe sin do na daoine a tha comhladh riut, agus theid mise a dh’ innseadh do’n d’ mhathair gu ’m bheil thu air tighinn.” Ghabh sinne ’nar triuir na thainig ruinn dhe’n aran ’s dhe’n fhion, fhad ’s a bha esan air falbh. An uair a thainig e air ais, dh’ iarr e air Daniel a dhol suas far an robh a mhathair. Shuidh e comhladh ruinn gus an do thill Daniel as an t-seomar anns an robh a mhathair ’na laidhe, agus e gle chomhraiteach. Gus sgeula ghoirid a dheanamh dheth, chuir sinn seachdain seachad anns an taigh. Dh’ innis gach fear dhinn a sgeula fhein do ’n t-seann duine choir, agus thug na dh’ innis sinn dha toileachadh gu leor dha. Bha e aig an am ud air thuar sgur dhe’n obair a bh’ aige. Ach air a chomhairle ghabh sinne ’nar triuir an obair os laimh fo’n ainm “Samson agus a Chuideachd.” An uair a shuidhich sinn so a dheanamh, rinn Tomas deas air son a dhol a dh’ Eirinn a dh’ fhaicinn a chairdean, agus rinn mise deas gus a dhol a dh’ Alba ’dh’ fhaicinn mo chuideachd fhein. (Ri leantuinn.) Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. Dun Scotus. Rugadh an diadhaidh eòlach seo anns a’ bhliadhna 1264. Tha iad ag radh gur e Iain Duns a cheart ainm. Nuair a bha e òg thainig da shagart Franciscanach a dh’ iarraidh deirce gu taigh ’athair, agus nuair a chunnaic iad cho tapaidh agus eòlach ’sa bha e chuir iad air thilleadh comhla riu do’n Chaisteal Nodha. Bho sin chaidh e do’n Cholaisd Mherton aig Ath-nan-daimh, far an d’ fhàs e glé ainmeil airson eòlas ’an diadhachd, lagha, agus cunntas. Anns a’ bhliadhna 1301 bha e air a dheanamh ’na aidmheileir de diadhachd, agus thainig sgoilearan astar fada a dh’ éisdeachd ris na h-oraidean aige. Chaidh a chur leis na Franciscich gu Paris an 1304, far an d’ fhuair e inbh ollamh ri diadhachd. Chaidh a chur os cionn manaich ’orduigh-san aig Toulouse an 1307, agus beagan an deigh sin bha e air a dheanamh na cheann air na sgoiltean dhiadhaidh am Paris. ’S ann an sin a dh’ fhàs e cho ainmeil agus chum e deasboireachd ris na diadhaidhean a’s eòlaiche dhe’n linn aige. Shiubhail e anns a’ bhliadhna 1308, agus tha e air a radh gu’n d’ fhuair iad a mach an deigh làimh nuair a dh’ fhosgail iad uaigh nach robh e marbh nuair a chaidh a chur ann. Sgriobh e moran leabhraichean a bha air an cruinneachadh le Lucas Wadding an 12 leabhar, agus a chlodh-bhualadh aig Lyons, ’sa bhliadhna 1639. Mar a tha do shùil air feadhain eile is amhuil a tha sùil feadhnach eile artsa. Nach cruadalach an ni dearmad a dheanamh air a’ ghnothach gus an deach ar gairm, agus n-inntinn a thogail ri rudan nach buin dhuinn. THA MI ’G IARRAIDH DITHIS NIGHEAN,—aon gu bhi ’na bana-chocaire, agus aon gu bhi cuideachadh nighinn eile ri obair-taighe. MRS. C. A. MEISSNER, Colby Lane, Sydney, C. B jan 12—tf COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Ma chi thu ni sam bith mi-dhealbhach, thoir an aire gu’n seachdain thu e, agus ma thuit dhuit a dheanamh uair air bith, bi air t-fhaicill nach dean thu gu bràth tuille e. Cuimhnich daonnan air do chrìch agus nach till an t-am a dh’ fhalbh. Gun sùrd dichioll cha toir thu mach a chaoidh subhailcean. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 223] [Vol. 8. No. 28. p. 7] Tearlach Grannd. Rugadh am fear-seirceil agus comhairleach-rioghachd seo anns a’ bhliadhna 1746. Chaidh ’athair a mharbhadh aig blàr Chuilfhodair beagan uairean an uaireadair an deigh a bhreith, agus mar sin chaidh earbsadh ’na oige gu bràthair ’athair, a phaigh airson teagasg math a thoirt dha an Eiliginn. Dh’fhalbh e do na h-Innsean an 1767, far an d’ fhuair e obair comhla ri Mgr. Ruiseart Becher, ball dhe ’n chomhairle Bhengal. Thill e gu Albainn an 1770, agus phos e bean-uasal dhe’n ainm Friseal. Chaidh e air ais do na h-innsean ’sa bhliadhna 1772 leis a mhnaoi agus cuid dhe a cairdean. Fhuair Mgr. Grannd àrdachadh beagan an deigh ruigsinn Calcutta an 1773; agus an 1781, bha e air a chur thairis air a mhuileann sioda luachmhor aig cuideachd nan Innsean aig Malda. Fhuair e ardachd a rithist da uair, an 1784 agus 1787; ach bho nach robh slàinte mhath aig a theaghlach anns an duthaich sin, bha feum aige dol gu Sasunn tri bliadhna an déigh sin. Rinn Mgr. Grannd iomadh seirbhis do’n chreidimh Chriosduidh fhad ’sa bha e ’san Aird an ear. Chuir e air doigh laraich aon eaglais aig costas air tuillidh air R10,000, seach iomadh ni costail eile. Bha e air a dheanamh aon dhe Luchd-riaghlaidh na cuideachd ’sa bhliadhna 1794; agus an 1802, chaidh e do’n Pharlamaid mar ball bailtean Inbhirnis. Bha e na bhall dhe iomadh comunn ainmeil; agus shiubhail e anns a’ bhliadhna 1823. Phos e ogha Friseil Balnain, an siorrachd Inbhirnis, agus bha triuir mic agus dithis nigheanan aige rithe. Am fear nach seachain gniomhan beaga, lion cuid is cuid, tuitidh e ann an gniomhan mòra. Am fear a tha aineolach, agus aig nach ’eil fios gu’m bheil e aineolach, is amadan a th’ ann—seachainn e. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 224] [Vol. 8. No. 28. p. 8] Failte do’n Bhliadhn’ Uir. LE NIALL MAC LEOID. Failte ’s furan do’n bhliadhn’ uir, Le ’trusgan geal is sunntach greann, ’Dhuisgeas aiteas anns gach gnuis, A sgaoileas fleagh mu bhuird le fonn. Ged nach fhaigh sinn a bhi dluth, Do ’r luchd-comuinn ruin ’s an am, ’S e ’n ciad lan a theid ’s a’ chuaich: Slainte bhuan do Thir nam Beann. Tamh am baile-mor nan tur, Cha bu duthchas dhuinn bhi ann? Far nach fhaic sinn fiadh air stuic, No bradan ur ’g a thoirt a allt; Far nach cluinn sinn piob air cluain, No gillean-callainn shuas an gleann— Ach cuiridh sinn mu ’n cuairt a’ chuach, Dianamh luaidh air Tir nam Beann. Tir a’ mhanrain, tir a’ chiuil, Tir nam furan nach robh fann; Ged tha ’n sliochd ’g an cur air chul, Dhianamh “ruim” do chlann nan Gall— ’S ioma fardach tha gun smuid, Far ’m bu shiubhlach fonn nan rann: Ach bidh an aigne blath gach uair Ni iad ulaidh air Tir nam Beann. Saoghal fada, maoin, a’s cliu, Do’r luchd-duthcha bhos a’s thall; Doirteadh beannachdan mar dhriuchd Gach bliadhn’ uir thig air an ceann. Ged a sgaradh sinn ri luaths, Bidh ar cairdeas buan ’s gach am; ’S olaidh sinn le caithrim chruaidh, Lan na cuaich air Tir nam Beann. Oran a’ Phrionnsa. Moch sa mhaduinn ’s mi dusgadh ’S mor mo shunnd ’s mo cheol-gaire, O’n a chuala mi ’m Prionnsa Thigh’nn a dhuthaich Chlann Ranuill, Hug o laill o Hug ocho ro n’aill leibh Hug o laill o ’Seinn ocho ro ’naill leibh. Bho ’n a chuala mi ’n Prionnsa, Tigh’nn do dhuthaich Chlann-Ranuill; Grainne-mullaich gach righ thu, Slan gu’n till thu, O Thearlaich. Grainne-mullaich, &c., ’S ann tha ’u fhior-fhuil gun truaileadh, Anns a’ ghruaidh is mor naire. Mar-ri barrachd na h-uaisle, ’G eirigh suas le deadh nadur, ’S na ’n tigeadh tu rithist, Bhiodh gach tighearn’ na ’aite. ’S na ’n cairicht’ an crun ort, Bu mhuirneach do chairdean. ’S bhiodh Lochial mar bu choir dha, ’Cur an ordugh nan Gaidheal. A’s Clann-Donuill a’ chruadail, Choisinn buaidh anns na blaraibh. ’S iad gu’n cumadh a’ chomh-strith, Ri luchd chotaichean madair. Sud a’ chuideachd bhiodh foirmeil, Boineid ghorm a’s “cocade” orr’. ’S bhiodh am feileadh ’s an fhasan. Mar-ri gartana sgarlaid’. Feileadh-cuaich air bhac easgaid, Paidhir “phistol” ’s ann Spainteach. ’S na’m faighinn mo dhurachd. Bhiodh an Diuc air dhroch caramh. Gum ’m biodh “buidsear” na feola, Agus corcach mu ’bhraighe. ’S gu’n gibhtinn a’ Mhaighdeann Mar oighreachd d’ a bhrathair. Ach slan gu’n tig thu ’s gu’n ruig thu, Slan gu’n tig thusa THEARLAICH. ’Si Mo Leannan an Te Ur. SEISD— ’Si mo leannan an te ur ’S guirme suil ’s is caoile mala, Te gu math gu’n tig an gun Dh fhag’ m’ inntinn tursach. ’S ged nach ’eil mi pailt’ de stor, Dheanainn seol a ghaoil air aran, Mharbhainn breac air loin, ’S damh na croic ’sa’ bhuiridh. Tha mo chridhe tursach, trom, M’ inntinn cha tog fonn ri ealain, Tha loinn-dubh orm fo thuinn, Mo nighean donn an t-sugraidh. ’Si mo leannan, &c, Tha do chneas mar shneachd air lon, Muineal ro-gheal mar an canach; Cas is deise ’theid am broig, Nach dean feoirnein ’lubaidh, Tha do ghruaidhean mar an ros, Beul is boidhche sheideas anail, Mala chaol mar ite an eoin, Ruisg is boidhche ’dhuineas, Ged a bhithinn feadh nam beann, Fad na h-oidhche gun tigh’nn gu baile, ’S mi mo choire fhein bhiodh ann, ’S mi gun bhann gun chumhnant. Saoilidh mi n’ uair thig an oidhch’, Gu’m bi caoimhneas dhomh ’s a’ chadal, Ach ’n uair dhuisgeas mi o m’ shuain, Glacadh buaireas ur mi. Ged a bhithinn-sa cho og, ’S gn’m b’e maireach tus mo latha, ’S mi nach treigeadh gaol na h-oigh, Air son diomb luchd-diurrais. Am bruadar chunnaic mi an raoir, Mi bhi sinne ’ri taobh mo leannain, ’S tha e geur a’ tigh’nn am chuimhn’— Chuir i ’n ceill dhomh diurrais. Cruinneachadh Chlann-Ghriogair EADAR LE MAC MHARCUIS. Tha’n re air a chuan, ’S tha an cèo anns a’ ghleann; ’S o’n a dhiteadh ar n’ ainm Anns an latha gu teann, Ar cath-ghairm iomraiteach, Rioghail o chian, Ni sinn eigheach ’s an oidhche Le dioghaltas dian! Bi deas! bi deas! Bi deas, a Ghriogaraich! Ma bhios ruaig air ar toir, A’s ar n’ainm air a bhacadh, Loisg am fardach!—’s am feoil Biodh aig eunlaith ’g a sracadh! O, tionail, tìonail tionail, Tionail, tionail, tionail! Fhad ’s tha duilleach ’s a’ choille No cobhar air sruth-thuinn, Mar is dual, cinnidh buaidh Le Mac-Griogair gu suthainn! De Ghleann-urchaidh nan ard-bheann ’S de chaol-chuirn nan saoidh, De Ghleann-liobhann ’s Ghleann-srath Tha sinn creachte a chaoidh— Tur spuinnte, spuinnte, Spuinnte, Ghriogaraich. Spuinnte, spuinnte, spuinnte! Troimh dhoimhneachd a’ chuain Theid an steud-each ’n a dheann; Chithear birlinn a’ seoladh Thar cirein nam beann; Leaghaidh creagan mar eigh, ’S theid ’n an still gus a’ mhuir, M’an striochd sinn ar coir, A’s ar diogh’ltas m’an sguir! Bi deas! bi deas! Bi deas, a Ghriogaraich! Ma bhios ruaig air ar toir, A’s ar n’ ainm air a bhacadh. Loisg am fardach!—’s am feoil Biodh aig eunlaith ’g a sracadh! O, tionail, tionail, tionail, Tionail, tionail, tionail! Fhad ’s tha duilleach ’s a’ choille No cobhar air sruth-thuinn, Mar is dual, cinnidh buaidh Le Mac-Griogair gu suthainn! The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonhas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 225] [Vol. 8. No. 29. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IANUARAIDH 26, 1900. No. 29. Litir a Alba. Bodachan a gharaidh, Cho friogadach ’s cho frogadach, Bodachan a’ gharaidh, Cho frogadach ’s a bha e riamh. MO BHALACH GASDA:—Mar a thuirt an seanfhacal, “Is fheairrde brà a breacadh, ach gun a bristeadh.” Cha mhisde leam gu ’n d’ thug mi buille no dhà dhe ’n ord bhreacaidh do Sheumas N. Mac Fhionnaghain, an gille coir, comasach a tha ’fuireach ann am Moosomin. B’ e ’n call nach robh rathad air a chumail gu math trang aig a’ pheann. Ma ’s ann no nach ann le bior guail a sgriobh e ugad, bha ’n litir gle mhath. Tha e ag radh gu ’m bu ghle thoigh leis mise fhaicinn an uair a thig e sgriob do dh’ Alba. Agus tha e ag radh gu ’m bi e ag amharc air mo shon aig taobh gach locha. Ach tha fhios aige gu ’m bheil iomadh locha ann an Alba. Abair thusa ris, gu ’n dubhairt mise riut gur e ’bheatha fuireach comhla riumsa uair sam bith a thig e an rathad so. Bheir thu fhein fios dha co an locha aig am faigh e an taigh agamsa. Mur tachair dad a’s fhearr a bhith agam air a choinneamh an uair a thig e, gheibh e càl gu leor. Ach is ainneamh leam a bhith ann am freasdal càil. Nan robh e ann an so a’ nochd, bheirinnsa dha làn na slige de mhac na braiche, agus theid mi an urras gu ’n cuireadh e fuachd Mhoosomin as a chnamhan. Tha mise cho seann fhasanta ’s gu ’m bheil mi cumail suas nan seana chleachdaidhean. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “An car a bhios ’s an t-seana mhaide, is deacair a thoirt as.” Bha mi ag radh riut roimhe gu ’n robh amhrus agam gu ’n robh am fuachd cho mor ann am Moosomin ’s gu ’n reothadh e an ince. Ma tha sin fior, tha amhrus agam gu ’n reothadh e an t-uisge beatha mar an ceudna. Ma reothas e, cha’n urrainnear ol, ach is urrainnear itheadh. An uair a bha mise ’nam Dhonnachadh òg, bhithinn ag itheadh nan aigileanan deighe a bhiodh air bruaich an eas a bha faisge air an taigh againn. Agus nam biodh fior thoil agam fuachd a’ gheamhraidh a chur as mo chnamhan, ghabhainn na thigeadh rium dhe ’n uisge bheatha, ged a bhiodh e air reothadh cho cruaidh ’s gu ’m feumainn an t-ord clachaireachd a ghabhail gus a bhristeadh. Tha so a’ cur ’nam chuimhne naigheachd a chuala mi o chionn fada mu bhoirionnach a bha aon uair ann an àite ris an canar Innse-gall. Cha robh i cho fior ghlic ri té eile. Ach ge b’e air bith doigh anns an d’ fhuair i an t-airgiod chaidh aice air pige gallain luma lan uisge bheatha a cheannach, gus a reic ri spalpairean òga nam bailtean aig àm na Nollag. Bhiodh na gaugeran an uair ud a’ sealg air pigeachan dhe ’n t-seorsa ud; agus o ’n a bha eagal air Seonaid gu ’m faigheadh iad faileadh air a’ phige, cha ’n fhaca i doigh a b’ fhearr air a chur am falach na toll a dheanamh anns a’ chruaich mhonadh, agus am pige a chur ann gus an tigeadh oidhche Challaig. Bhiodh Seonaid bhochd an drasta ’s a rithist a’ sealltainn anns a’ chruaich mhonadh air eagal gu ’n do ghoideadh am pige. Gu mi-fhortanach, fhuair spriolag air choir-eiginn de ghillean a’ bhaile am mach gu ’n robh am pige aig Seonaid anns a’ chruaich. Thug e leis e oidhche air choireiginn; agus o ’n a bha am pige air a cheireadh, rinn e toll air a’ mhàs le broga, agus thug e as a h-uile deur a bh’ ann, agus chuir e anns a’ chruaich e far an robh e roimhe. Bha oidhche chridheil no dhà aige fhein agus aig comhlan math eile air saillibh uisge beatha Seonaid. Coma co dhiubh, leig Seonaid fios a dh’ ionnsuidh nan gillean gu ’n robh am pige aice, agus gu ’m fosgladh i e ’nan lathair oidhche Challaig, gus gu ’m faiceadh iad gu ’n robh i gus a thoirt dhaibh gun bhaisteadh mar a fhuair i fhein e. An uair a thainig oidhche Challaig, chruinnich lan an taighe de ghillean nam bailtean. Thug Seonaid làmh air a’ phige, agus thug i dh’ fhear dhe na gillean e gus ’fhosgladh. An uair a dh’ fhosgladh e cha d’ thigeadh deur as. Thachair gu ’n robh reothadh anabarrach teann ann fad choig latha deug roimhe sid. Thuirt am fear a dh’ fhosgail am pige, agus aghaidh aige g’a chur air fhein cho fada ris a’ chlobha gus cumail air a ghaire, “Not a deur a thig as a’ phige so, a Sheonaid.” “Is ann a reoth e,” arsa Seonaid, “cuiribh ris an teine feuch an leagh e.” Chuireadh am pige ris an teine, agus bha fear dhe na gillean ’g a thionndadh an drasta ’s a rithist air clach an teintein gus an robh iad seachd sgith. Ach ged a bhiodh e ris an teine fhathast cha tigeadh aon deur as. Mu dheireadh thuirt fear dhe na gillean, agus e ’n deigh am bior maide a bh’ anns an toll a bh’ air mas a’ phige a thoirt as, “Cha cha chreid mi fhein, a Sheonaid, nach ann a tha toll air a’ phige so? An uair a chuireas mi mo shuil ris a’ bheul aige, chi mi an solus troimh ’n mhàs aige.” An uair a chuala Seonaid so, bhuail i na basan. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, chuir na gillean airgiod cruinn ann an ionad nam bonn, agus phàigh iad an gallan uisge bheatha do Sheonaid. Agus gus saod na b’ fhearr a chur oirre, fhuaradh tri botuil dhe ’n stuth cho math ’s a bh’ aig Alasdair mac Dhonnachaidh, agus dh’ òladh a chuid mhor dheth air slainte Seonaid. Chuir iad an oidhche seachad cho cridheil ’s a ghabhadh deanamh a saillibh pige Seonaid. A nis, ma tha e fior gu ’n do reòth an t-uisge beatha a bh’ aig Seonaid ann an Innsegall, tha e furasda gu leor dhomhsa a chreidsinn nach ’eil deur a theid gu ruige Moosomin nach reòth a cheart cho math. Cha ’n fhaod mi nis, dichuimhn’ a dheanamh air dithis dhaoine coire eile a tha gu caoimhneil a’ faighneachd mu m’ dheidhinn, is iad sin Mac Dhonuill Thormaid, á Leodhas, agus Seumas A. Mac Gille-mhaoil, as na h-Eileanan Coille. An uair a bhios daoine ’fas sean, tha iad, mar is trice, car coltach ann an iomadh doigh ris a’ chloinn bhig—is math leotha a bhith ’g am moladh. A reir choltais tha na litrichean a tha mi ’cur uair is uair g’ ad ionnsuidh a’ cordadh riutha. Ma tha uiread de mheas acasan, agus aig Seumas N. Mac Fhionghain, air mo litrichean-sa ’s a th’ agamsa air an litrichean-san, foghnaidh sin. Chuir mise seachad sia bliadhna dhe m’ bheatha ann an Leodhas, agus feumaidh mi a radh nach do chuir mi eolas air daoine riamh bu chaoimhneile agus bu chairdeile rium na iad. Tha Gailig mhath aig na thachair riumsa dhiubh. Bu ghlc thoigh leam a chluinntinn gu ’m bheil iad a’ cur eolais air a’ MHAC-TALLA. Is docha nach cuala moran dhiubh guth no iomradh riamh air a’ MHAC-TALLA. Nach fhaodadh an triuir dhaoine coire a dh’ ainmich mi feuchainn na ’s fhearr na rinn iad riamh fhathast ri ainm agus cliu a’ MHIC-TALLA a chur am farsuinneachd? Ach tha ’n t-àm agam sgur. Tha ’n litir so tuilleadh is fada mar tha. Cha bu mhath leam do shàrachadh. Ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs, sgriobhaidh mi litir eile ugad. Is mi do charaid an latha ’chi ’s nach fhaic, BODACHAN A’ GHARAIDH. Taobh an Locha, Latha nan tri righrean, 1900. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. IV. Ged nach robh Aonghas Mac Alasdair ùine mhòr air leabaidh a bhàis, tháinig na chosgadh ris an dùil gu’n tugtadh air aghart e gu sùim a bha glé throm air daoine bochda aig nach robh ach fìor bheagan de nithean matha ’n t-saoghail so aig àm sam bith. Bha ’m fearann a bh’ aig Aonghas cho beag ’s nach b’fhiach dha each a chumail air son a bhith ’deanamh an àitich, ged a bhiodh comas aige air each a cheannach. A bharrachd air so, bha ’m fearann cho creagach ’s nach gabhadh e oibreachadh ach le spaid ’s le cois-chrùim. Cha deanadh an crann-rustail fhein a’ bheag a dh’ fheum, ged a bhiodh each ann a thairneadh e. Bhiodh Aonghas gu dìchiollach ag obair fad an earraich leis an spaid ’s leis a’ chois-chrùim a’ dheanamh buntáta-taomaidh, agus a’ tionndadh a’ bheagan talmhainn a bh’ aige air son eòrna ’s coirce a chur ann. Le a dhìchioll fhéin, agus le faicill is cùram a mhnà, bha ’dol aca air iad fhéin ’s an teaghlach a chumail ann am biadh ’s an aodach ’s an caiseart cho math ris gach dalachateaghlach a bh’anns an àite. Cha robh de stoc aca aig àm sam bith ach aon bhò is gamhainn, agus mu dhusan ceann caorach a bha air a mhonadh far an robh caoraich nan coimhearsnaich. Dh’ fhaodadh iad barrachd chaorach a chumail; oir cha robh muinntir nam bailtean aig an robh còir air a’ mhonadh cruaidh air duine bochd sam bith, ged a thachradh dha beagan chaorach a bharrachd a bhith aige air na bha màl an fhearainn a’ ceadachadh dha ’chumail. Ach cha robh Aonghas air an fheadhainn a b’ fhearr gus an aire a thoirt do na caoraich. Theireadh e fhein gu tric, an uair a gheibhteadh caora leis marbh aig bonn craige, no ann an [TD 226] [Vol. 8. No. 29. p. 2] slochd ’s a’ mhonadh, nach robh sealbh chaorach air. Ach theireadh a bhean ris, “Cuimnich, ’Aonghais, gur e sùil a ghleidheas sealbh. Mur seall fear an déigh a ghnothaich, cha soirbhich a ghnothach leis.” “Nach neònach leam fhein,” theireadh Aonghas rithe, “thu ’bhith ’g ràdh a’ leithid sin. Nach fhaic thu Eachunn mòr, an aon amadan a’s mò a th’ anns na bailtean gu léir. Cha seall e as déigh a chuid caorach latha deug ’s a’ bhliadhna. Ma tha aon chaora aige, tha trì fichead aige; agus is ainneamh a gheibhear caora leis marbh ann an slochd no ann am féithe. Cha ’n aithne dhomhsa c’ar son a tha na caoraich aige a’ fuireach beò, an uair a tha gu leòr de choraich nan coimhearsnach a’ faighinn bhàis, mur ann a chionn gu’m bheil sealbh math chaorach air. Ma tha’n sean fhacal a tha ’g radh, gur e sùil a ghleidheas sealbh, fior a thaobh dhaoine eile, cha’n urrrainn gu’m bheil e fìor a thaobh Eachunn co dhiubh.” An uair a chluinneadh a bhean Aonghas a’ labhairt air an dòigh so, dh’ fhanadh i samhach, ar neo bheireadh i taruinn air seanachus eile. Cha robh nì bu lugha oirre na connsachadh. Bha fhios aice nach b’ obair e a dheanadh feum do neach sam bith. Ach bha fhios aice mar an ceudna, nach cumar taigh le beul dùinte. An latha ’chuireadh Aonghas fo’n talamh, cha robh aig a’ bhantraich de stoc ach aon bhò. Reiceadh an gamhainn gus nithean a cheannach a bha feumail a dh’ Aonghas an uair a bha e tinn air leabaidh a bhàis. Mharbhadh té an déigh té de na caoraich gus beagan a dh’ fheòil ùir a chumail ris, mar a dh’iarr an doctair. Cha mhòr a b’urrainn an duine bochd a ghabhail dhiubh; ach o’ nach robh dòigh air an fheòil a chumail ùr, dh’ fheumteadh caora ’mharbhadh ni bu trice. Ged a bha ’bhantrach air a’ fàgail ann an ceann ceathrar de chloinn laig, b’fhearr leatha ’bhith lom, falamh, na bhith ann am fiachan. Ged nach robh de dh’fhiachan air an taigh ach na bha aig Muruchadh Ceannaiche air, agus ged a bha fios is cinnt aice nach ruigeadh i leas cabhag a bhith oirre gus am pàigheadh, thuirt i rithe fhéin, gu ’m b’ fheàrr dhi an grad phaigheadh, eadhon ged a dh’ fheumadh i aodach na leapadh a reic gus am pàigheadh. Ars’ ise rithe fhéin, “Feumar na chosgadh ris an fhear nach maireann a chur fo’n talamh a phàigheadh air a h-uile cor gun dàil sam bith. Bu chòir gu’m biodh cosgais tìodhlacadh, agus cosgais bainnse air am pàigheadh gun mòran dàlach.” An ceann dà latha an déis an tìodhlacaidh, chaidh i far an robh Muruchadh, agus thuirt i ris, “Thàinig mi a dh’ aon ghnothach far am bheil sibh gus gu’n deanadh sibh suas a’ chunntais. Cha bu mhath leam fhéin, no idir leis an fhear nach maireann fhad ’s a bha e beò, a bhith ann am fiachan, na’m b’ urrainn duinn idir am pàigheadh. Agus gus a nis, chaidh againn air sinn fhéin a chumail á fiachan. Bha beagan agaibh air an taigh mu’n d’ thàinig am bàs ’n ar rathad, agus o’n is sibhse a chosg ri Aonghas a chur fo’n talamh, cha bhi fois aig m’ inntinn gu bràth gus am bi na fiachan gu léir pàighte. Tha e air aithris am measg an t-sluaigh, nach bi fois aig anam anns an t-saoghal thall gus am pàighear a h-uile sgillinn fhiach a bhios aig daoine air anns an t-saoghal so. Cha ’n ’eil fhios agamsa co dhiubh tha so fìor no nach ’eil, ach tha fhios agam gu’m bheil mòran dhaoine a’ toirt creideas is géill dha. Cha ’n ’eil sgillinn ’n am laimh an diugh, agus cha’n ’eil fhios c’uin a bhitheas; ach cuiridh mi Dòmhull a nall, leis a’ bhoin ugaibh, agus saoilidh mi gu’n seas i ann an àite na bheil agaibh orm a dh’ fhiachan.” “Ma ta, ’Mhòr,” arsa Muruchadh, “tha do chainnt a’ cur mòran ioghnaidh orm. C’ar son nach d’fheith thu gus an cuirinn fios a dh’ iarraidh nam fiach ort?” “Cha do chuir sibh fios riamh fhathast a dh’ iarraidh fhiachan oirnne, ged a bha sibh iomadh uair dlùth air bliadhna gun bhur cuid fhéin fhaotainn. Is e an rud bu lugha bu chòir dhomhsa ’dheanamh tighinn far am bheil sibh, mar a b’àbhaist do ’n fhear nach maireann a dheanamh, fhad ’s a bha e’n lathair, agus comas aig’ air an aire a thoirt air a ghnothach.” “Innseadh mise dhut, a Mhòr, mar a bhitheas. Cumaidh tusa ’bhò agad fhein. Cha ghabh mise aon bhò na bantraich idir. Is feumach thu fhéin ’s do phàisdean laga oirre seach mise. Agus ged a bhithinn ni bu bhochdainne na tha mi, cha’n fhàgadh do bhò-sa mi an ceann na bliadhna ach mar a bha mi roimhe.” “Cha’n ann mar sin a bhitheas idir, a Mhuruchaidh, ach gabhaidh sibhse a’ bhò, agus bidh na fiachan pàighte a dh’ aon latha: bidh fois aig m’ inntinn-sa agus cha bhi aig duine beò ri ràdh gu’m bheil ainm an fhir nach maireann ann an leabhar nam fiach.” Gun fhacal a ràdh, thionndadh Muruchadh a null o’n chunntair, agus thug e nall an leabhar cunntais. “Seall air sid, a Mhor,” ars’ esan. “Tha na fiachan air an dubhadh am mach. Mhath mise na fiachan do’n fhear nach maireann, an uair a chunnaic mi gu’n robh coltais a’ bhàis air. Agus anns a’ mhadainn an diugh thug mi ’ainm ás an leabhar. Faodaidh tu fhéin fhaicinn gu’m bheil a’ chunntas air a dubhadh am mach air fad fiaraidh. Ann an aon seadh, faodaidh mise a ràdh, nach robh sgillinn agam air Aonghas aig latha ’bhàis. O’n a phòs e thusa, agus iomadh bliadhna roimhe sin, b’ ann uamsa a bha e ’ceannach a h-uile fiach frìne a bha dhìth air. Cha deachaidh e riamh seachad orm le sgillinn de ’chuid airgid. Co dhiubh a bhiodh airgiod ’na laimh no nach bitheadh, cha do dhiùlt mi nì riamh a thoirt dha. Cha ’n ann a chionn gu’m bheil mi ’g a ràdh riutsa, cha robh gnothach agam ri duine riamh a bheireadh bàrr air ann am fìrinn ’s an onair ’s an ceartas. Gu firinneach, ceart, cha’n fhaigh thu fhéin no duine a rugadh dhuit droch cuimhneachan air a shon.” “Bu chòir dhomhsa, ’Mhuruchaidh, a bhith taingeil, gu’n do choisinn e cliù math dha fhéin ’s dha theaghlach fhad ’s a bha e beò. Ma’s urrrainn mise, bidh a’ chlann air an teagasg anns gach dòigh mar bu mhiann le’n athair. Ma ghabhas iad mo chomhairle-sa, cha téid iad fada cearr co dhiubh. Ach na truaghain, cha’n fhad’ is urrainn domhsa an cumail dlùth dhomh. Feumaidh iad dhol a dh’ ionnsuidh a’ chruaidh-chosnaidh cho luath ’s a théid aca air cosnadh a dheanamh. Nam biodh dòigh agam air, chumainn anns an sgoil iad gus am biodh iad comasach air sgrìobhadh is leughadh is cunntas a dheanamh. Cha d’fhuair am fear nach maireann ach fìor bheagan sgoile, agus bha e ’ga chaoidh sin glé mhòr o’n latha ’chuir mise eòlas air. An uair a rugadh Domhull, bha e suidhichte gu’n cumadh e anns an sgoil e cho fad ’s a b’urrainn da; ach is iomadh rud a bhios dùil aig daoine a dheanamh nach téid aca air a dheanamh gu bràth. An uair a bha e air leabaidh a bhàis, bha e ’cur dragh mòr air, nach robh rathad aig a’ chloinn air sgoil ’fhaotainn. Bha fhios aige gu’n deanainnsa m’ uile dhìchioll air a h-uile ceartas a thoirt dhaibh; ach bha fhios aige mar an ceudna, nach robh dòigh agam air ceartas a thoirt dhaibh ann an sgoil ’s an ionnsachadh mar bu mhath leam.” “Cha ’n eagal, a Mhòr, nach dean thusa do dhleasdanas, mar a bha thu ’deanamh riamh. Bi falbh dhachaidh, agus thoir an aire mhath air a’ bhoin. Faodaidh gu’n cuir i ann an stoc math fhathast thu.” “A nis, a Mhuruchaidh, feumaidh mi bruidhinn ribh fhathast mu’n chùis. Tha mi ’toirt mìle tàing dhuibh air son bhur caoimhneis. Cha ’n ’eil duine beò air ùr-uachdar an t-saoghail a deanadh riumsa mar a tha sibhse ’deanamh. Ach chosg sibhse mòran ris an tiodhlacadh. Cha’n ann mòr leamsa ’tha na chosgadh idir, nam bu mi fhein a bha ’dol ’ga phàigheadh. Ach tha e mòr leam, ma’s ann as bhur pòcaid-se thig e. Bhiodh gu leòr dhomhsa an tairgse mhath a tha sibh a ’toirt dhomh a ghabhail, ged a bhithinn cho falamh ri duine beò. B’ fhearr leam gu’n gabhadh sibh a’ bhò; oir cha bu mhath leam gu’m biodh aig duine sam bith ri ’thilgeadh air mo chuid cloinne, gu’n do chuireadh an athair fo’n talamh air chosg duine eile.” “Nach do chuireadh ar Slànuighear anns an uaigh air chosg dhaoine eile? Cha’n ’eil thu fhein, a Mhòr, cho aineolach air facal Dhé ’s nach ’eil fhios agad air so.” “Tha sin fìor gu leòr a Mhuruchaidh; ach nan robh a bheag no mhòr de mhaoin an t-saoghail so aige, is cinnteach gu’n deachaidh a chur ’s an uaigh air a chosg fhein.” Bha Muruchadh greis ’na thosd, agus e mar gu’m biodh e ’dol fo smaointean ciod a theireadh e. Mu dheireadh thuirt e, “Bi falbh dhachaidh, agus cuir a nall Domhull leis a’ bhoin.” Gun tuilleadh a ràdh dh’ fhalbh a’ bhantrach dhachaidh. An ùine gun bhith fada, thainig Domhull ’s a’ bhò aig air ròpa. Choinnich Muruchadh aig an iodhlainn e, agus thuirt e ris, “Thoir leat a’ bhò air ais dhachaidh; oir cha’n ’eil àite agamsa a chumas i. Abair ri do màthair i thoirt an aire mhath dhi, agus an uair a bhios àite agamsa anns an cùm mi i, gu’n cuir mi duine g’a h-iarraidh.” “An creutair bochd.” arsa Muruchadh ris fhéin, “cha tig an latha ’s cha chian an tràth anns an gabh mise a’ bhò uaipe. Is feumach i fhein ’s a teaghlach lag oirre.” (Ri leantuinn.) MAR A RINN MI M’ FHORTAN. CAIB. L. Dh’ fhalbh mi direach a Libhirpul gu ruige Glasacho, feuch am faighinn am mach an robh mo sheana charaid coir, caoimhneil, Domhull Dughallach, beo, slan. An uair a rainig mi Glasacho, ghabh mi direach a dh’ ionnsuidh an taighe anns an robh e ’fuireach an uair a dh’ fhalbh mi. Ach an uair a rainig mi an dorus, chunnaic mi gu ’n robh ainm fir eile sgriobhte air. Cha robh fios sam bith aig na daoine a bh’ anns an taigh c’ait’ an deachaidh e. ’Na dheigh sid chaidh mi thun an taighe anns an robh e reic an uisge bheatha, agus an sin fhuair mi am mach far an robh e fuireach. Gun dail sam bith choisich mi dh’ionnsuidh an taighe aige. Bha e fhein ’s a bhean a staigh, agus dh’ aithnich iad mi ’s a’ mhionaid. Gun fhaighneachd, dh’ aithnich mi gu’n robh iad air tighinn gu bochdainn; ach cha do leig mi dad orm. Ann an uine ghoirid rinn a bhean, mar bu mhath a b’ aithne dhi, biadh grinn, glan deiseil dhomh. Cha robh anns an taigh ach da sheomar, ach bha iad air an cumail cho glan agus cho ordail ’s a ghabhadh deanamh. An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail dh’ innis iad dhomh mu gach mi-fhortan a thainig ’nan rathad o’n a chunnaic iad roimhe mi. Ged a tha cuimhne mhath agam air a chuid a’s mo dhe na dh’ innis iad dhomh, cha’n ’eil aobhar dhomh a chur sios facal air an fhacal an so. [TD 227] [Vol. 8. No. 29. p. 3] Mar is minic a thachair do dhaoine mar a bha iad, chaidh an teaghlach ’nan aghaidh gu mor. Dh’ fhas fear no dithis dhe na mic tuilleadh is trom air an ol, agus sgap e ann an goraiche earrann mhath dhe na bha ’athair gu dichiollach a’ cur cruinn, agus cha robh aig an duine choir ach an taigh-osda a leigeadh uaithe air eagal gu ’n cailleadh e a h-uile ni a bh’ aige ris an t-saoghal. Phos aon no dithis dhe’n teaghlach, agus dh’ fhalbh cach g’an cosnadh. Agus an aite cuideachadh a dheanamh le am parantan, cha deanadh iad fiù na litreach a chur uca. An lath’ ud fhein, tha amhrus agam nach robh iad fad’ o bhith lom, falamh gu leor. Ach cha do leig iad sin ris dhomhsa. Dh’ innis mi dhaibh ann am briathran cho gearr ’s a b’ urrainn domh mar a thachair dhomh fhad ’s a bha mi air falbh, agus gu’n d’ rinn mi fortan math. Bha iad gle thoilichte an uair a chual’ iad cho math ’s a chaidh cuisean leam. Ged a chuir mi romham falbh an uair a bha e teannadh ri àm cadail, chaidh iad le cheile air m’ aghaidh air a leithid de dhoigh ’s gu ’n d’ aontaich mi an oidhche a chur seachadh comhladh riutha. Bha greis dhe’n oidhche air a dhol seachad mu’n do ghabh sinn mu thamh. Dh’ innis iad dhomh gu ’n cual’ iad bliadhna roimhe sid gu ’n do dh’ eug mo mhathair, agus gu ’n robh m’ athair air fas gle lag, breoite. Anns a’ mhadainn an uair a bha mi ’falbh, thug mi dhaibh deich puinnd Shasunnach, agus thuirt mi riutha gu ’n tugainn dhaibh leith cheud punnd Sasunnach a h-uile bliadhna fhad ’s bu bheo iad. Gu fortanach fhuair mi comhdhail cho freagarrach ’s a dh’ iarrainn gus a dhol do’n Ghaidhealtachd a dh’ fhaicinn m’ athar. Agus o nach ’eil aobhar dhomh cunntas a thoirt seachad air mar a fhuair mi dhachaidh, foghnaidh dhomh a radh gu’n d’ fhuair mi dhachaidh gu sabhailte. Bha m’ athair air chomas a bhith ’g eiridh a h-uile latha agus cha robh an corr ann. Cha robh eis sam bith air. Bha e ’na dhuine glic, doidheil, agus ged a b’ fheudar dha am fearrann a leigeadh uaithe bliadhna no dha roimhe sid, bha aige de dh’ airgiod air chul a laimhe, eadar na bha e fhein a’ cur ma seach bliadhnachan roimhe sid, agus na bha mi fhin a’ cur uige mu’n deachaidh mi a bhuinig an oir, na bha ’cumail bord is breacag air a bheulaobh cho math rì fear sam bith. Rud nach b’ ioghnadh, rinn e toileachadh gu leor rium. Ach ged a bha e car diubach dhiom a chionn nach robh mi gu riaghailteach a’ sgriobhadh ’ga ionnsuidh anns na bliadhnachan mu dheireadh, thuig e, an uair a dh’ innis mi dha mar a thachair dhomh, nach robh cothrom agam air a’ chuis. Bha nighean a pheathar a’ cumail an taighe dha, agus bha i cho curamach m’a dheidhinn ’s ged a b’e a h-athair fhein a bhiodh ann. Thuig mi nach robh coltas gu’m biodh e fada beo, agus chuir mi romham gu’m fanainn comhladh ris fhad ’s bu bheo e. Mu’n d’ thainig ceann leith-bhliadhna thainig a’ chrioch air. Agus o nach robh aobhar dhomh fuireach na b’ fhaide anns an àite, chaidh mi air ais gu ruige Libhirpul, far an robh mi ag amharc as deigh mo dhleasdanais comhladh ri mo dhithis chompanach. Bha mi ’dol do ’n Ghaidhealtachd a chur seachad greis dhe’n t-samhradh a h-uile bliadhna a gheibhinn cothrom, agus o nach do chuir mi ùidh ann am posadh, chuir mi romham gu’n tugainn seachad cuid mhath dhe ’n fhortan a rinn mi am feadh ’s a bhithinn fhein beò; oir, mar is trice, tha araon aimhreit is mi-bhuil ann an co-cheangal ri dileaban. Ann an dochas gu ’m faodadh iomadh duine òg fiosrachadh agus foghlum fhaotainn o eachdraidh mo bheatha tha mi nis’ air a toirt seachad facal air an fhacal mar a thachair. Cha ’n eil agam ri radh ’sa cho-dhunadh ach gu’m bu mhath leam gach duin’ og a leughadh gu curamach; oir ’se mo bharail gu ’m bi amannan am beatha gach fir anns am bi e feumail dha aire thionndadh a dh’ ionnsuidh iomadh ni air an d’thug mi iomradh an am a bhi ’g innse mar a rinn mi m’ fhortan. EACHANN CAMARAN. Sgeula Air Son na h-Oigridh. AN SAIGHDEAR DILEAS. (A Caraid nan Gaidheal.) Bha roimhe so, uair-eigin de’n t-saoghal, Rìgh mòr agus urramach, aig an robh dùthaich anns an robh Dràgon borb, nimheil, a bha ’n a chulaidh-oillt agus eagail do luchd-àiteachaidh na tìre; oir bha ’n uile-bhéist so coimheach dàna seòlta, agus sgriosail. Air an aobhar sin roghnaich an rìgh cuid de na saighdearan a bu teòma, agus a bu charanta ’bha aige, agus chuir e iad do ’n chèarna sin de ’n rìoghachd far an robh an Dràgon so a’ deanamh mòran aimhleis agus urchaid air an t-sluagh. Mu’n do chuir e ’mach iad thubhairt e riutha—“Tha fhios agaibh gu’n do chuir mise ’n cath an aghaidh an Dràgoin, gu’n do leòn mi e, gu’n do bhuadhaich mi ’n a aghaidh, ged a dh’ fheuch e gach innleachd agus cumhachd a chum cur as domh. ’S éigin gu’n gluais mo luchd-leanmhuinn chum a cheannsachadh: ’s éigin gu’n cuir iadsan an còmhrag mar a chuir mise, gu’m buadhaich iad mar a bhuadhaich mise; agus an sin suidhidh iad maille rium-sa air mo rìgh-chathair. Uime sin, tha mi ’g ’ur cur a mach a chath an aghaidh na béiste, agus na bitheadh eagal oirbh, oir tha mo neart a’ dol a mach maille ribh. Bithibh ’n ’ur n-earalas. Ma chuimhnicheas sibh mo bhriathran agus ma ghairmeas sibh air m’ ainm ’an àm na deuchainn’, ’s gu h-àraidh ma chleachdas sibh an armachd a tha mise ’tairgseadh dhuibh, agus a dh’ uidhimicheadh air ’ur son, cha tig an là is urrainn an nàmhaid aon olc no urchaid a dheanamh oirbh; ach ma gheibh e sibh uair air bith as eugmhais na h-armachd so, an sin faodaidh sibh a bhi làn-chinnteach gu ’n toir e oidhirp, agus mar an ceudna gu’m buadhaich e thairis oirbh.” Gheall na saighdearan a bhi ’n an earalas, agus dh’ fhalbh iad. Ghabh iad an turus do’n àite sin a bha ’n uile-bhéist a’ tathaich. Air dhoibh a ruigheachd, bha iad, air tùs, do ghnàth ri faire, cha do dhealaich iad àm air bith r’ an armachd; cha do chaidil iad uile a dh’ aon àm, ach bha fear-eigin diubh do ghnàth ’n a fhaireachadh. Bu shuilbhearra, ait an sealladh na saighdearan curanta, gaisgeil sin ’fhaicinn a suas ’s a sìos air feadh na dùthcha fo làn uidheam, agus luchd-àiteachadh na tire nile tèaruinnte, do bhrigh gu’n robh feachd an rìgh air freiceadan. O! bu taitneach an sealladh air maduinn gach latha, na daoine treuna, foghainteach so ’fhaicinn, ’an déigh suain na h-oidhche, a’ dùsgadh gu sunndach, togarrach, a’ cur orra an uile armachd, a’ feuchainn an clàidhnean an robh iad gu sgaiteach, deas air son còmhraig; a tuiteam sìos air an glùinibh, a gairm air ainm am prionnsa féin, agus ’an sin a’ dol a mach gu faire ’an aghaidh oidhirpean agus cuilbheartan na béiste, mar a dh’iarr an rìgh orra. Bu shuilbhearra an sealladh so; ach gu truagh cha do mhair e ach goirid. Fhad ’s a bha iad ri faire cha d’ fhuair iad sealladh air an Dràgon—chaidh a h-uile ni air aghaidh gu réidh, sìothchail, sàmhach. Bha na tuathanaich a’ ruamhar, a’ cur, ’s a’ cliathaidh, ’s a’ buain; bha iad a’ pòsadh agus a’ tabhairt ’am pòsadh, agus bha fleadhachas ’us aighear, ceòl ’us dannsadh, ’s fearas-chuideachd a’ dol air aghaidh. Thòisich na saighdearan ri smaointeachadh nach robh, theagamh, focal fìrinn anns na chual iad mu’n Dràgon: thòisich iad air cainnt an rìgh a leigeil air dì-chuimhn’, agus rinn iad dearmad air faire—bha ’n aimsir brùthainneach, blàth, ’s bha ’n airm chatha trom r’an giùlan. “Ciod an stàth dhuinn,” arsa fear dhiubh, “a bhi ’giùlan na h-armachd so?” “Tha ’chlogaid so,” ars’ an dara fear, “trom, fàgaidh mi ’s a’ bhùth i.” “Tha’n t-uchd-éideadh so anabarrach trom,” arsa fear eile, “tha mi air mo chlaoidh leis.” “Tha’n sgiath so anabarrach doirbh r’a giulan,” ars’ an ath fhear. “Tha ’m fonn cho teith, loisgeach ’s gu’m bheil na brògan làidir so a’ milleadh mo chas,” arsa fear eile, “agus gu h-àraidh ciod am feum a bhi ’g an giùlan ’n uair nach ’eil an uile-bhéist air an cula sinn sgeul r’a fhaicinn?” Mar so thilg iad diubh an armachd—’s gann a dh’ aithnicheadh tu iad, chaill iad an dreach cho mòr ’an déigh dhoibh dealachadh r’an armachd àillidh. Bha aon fhear dhiubh, gu dearbh, dach do dhealaich r’a éideadh-cogaidh; b’e an “Saighdear Dìleas” a b’ ainm dha, agus chuir e campar mòr air a ’n uair a mhothaich e do ghiùlan chàich. ’S minic a chuir e ’n an cuimhne briathran an Rìgh, agus an gealladh a thug iad dha; ach rinn càch fanaid agus fochaid air, thug iad iomadh droch ainm tàmailteach air: “cha’n ’eil ann ach an tur ghealtair,” ars’ iadsan, “chn’n ’eil barrachd misnich aige na aig naoidhein na cìche”—ach chuir e iad so uile ann an suarachas, chuimhnich e gach earail a fhuair e. Cha do dhealaich esan r’a armachd; fuar no teith ’g an robh an aimsir; cruaidh creagach, no bog, mòinteil, ’g an robh an t-slighe, bhuadhaich esan, ghléidh e a bhrògan air a chasan ’s a chlogaid air a cheann, agus uile armachd an rìgh a chuir a mach e. Chaidh so air adhart o àm gu h-àm, càch ’g a smàdadh, ’g a chàineadh ’s a’ deanamh fochaid air, agus làn chinnteach nach coinnicheadh iad an nàmhaid, ’s nach robh cath aca r’a chur. Ach an uair a shaoil leo gu’n robh iad tèaruinte ’s ann bu dlùithe iad air cunnart. Bha fear de na saighdearan so a’ tighinn dachaidh oidhche de na h-oidhchean o chuirm mhòir, far an robh e ri mire ’s ri sùgradh. Bha ’chuideachd a’ dannsadh ’s a’ gabhail òran, bha mòran de chridhealas amaideach ’n am measg. Cha robh ’armachd air an t-saighdear, bha e ’pilleadh dhachaidh a dh’ ionnsuidh a bhùth’ air feasgar samhraidh, a’ feadaireachd ’s a’ crònan dhuanag leis féin. Bha e ’cuimhneachadh air a’ chuideachd chridheil a dh’ fhàg e, agus a’ gabhail truais d’a chompanach amaideach, an “Saighdear Dìleas” a dhiùlt dol maille ris, a bha do ghnàth ri faire, agus air ais ’s air adhart mar fhreiceadan mu choinneamh dorus a’ bhùth fo làn armachd. Ach ceart mar bha e mar so a’ gabail dhachaidh gu h-aighearach, mireagach, chual’ e fuaim ’s a’ choille dlùth dha agus ’am prioba na sùl’, cò sheas roimhe air an t-slighe ach an Dràgon uamhasach le ’chraos fosgailte ’s le shùilean teinteach! Bhuail glùinean an t-saighdear an aghaidh a chéile, thàinig crith agus oillt air—dh’ fheuch e a chlaidheamh a tharruing ach claidheamh cha robh ann. Thug an Dràgon ionnsuidh gu bhi ’n a amhaich; agus ’n a uamhas mòr, ghlaodh an saighdear air ainm a Rìgh, ach mheathaich a chridhe, agus dh’ innis ni-eigin da gu’n robh e ’nis tuilleadh ’us anmoch dha so a dheanamh. Thòisich e ri teicheadh, ach cha robh taobh air an tionndaidh e nach robh làn de shaighdean teinteach, (Air a lenntuinn air taobh 230.) [TD 228] [Vol. 8. No. 29. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IANUARAIDH 26, 1900. AN COGADH ANN AN AFRICA. II. Leis cho bochd ’s a bha an Transbhaal, bha Cruger agus an luchd-riaghlaidh a bha fodha a’ toirt a h-uile misneach do choigrich dhe gach fine, agus treibh, agus teanga gu a dhol do ’n duthaich aca. Fhuaradh am mach mu dheireadh gu’n robh am pailteas dhe’n or anns an fhearann aca, agus air an aobhar sin thoisich moran dhaoine ri dhol a bhuinig an oir do ’n duthaich ud. Cha robh a’ bheag de na Boereich aon chuid deonach no comasach air a’ bheag a dh’ fheum a dheanamh air buinig an oir. Cha robh annta ach tuathanaich. Is e tuathanach a Ghailig a th’ air an fhacal Boer. Cha robh doigh aca air innealan freagarrach a cheannach leis an deanadh iad feum air buinig an oir; agus cha mho a bha eolas aca air cia mar a rachadh iad an dail buinig an oir ged a bhiodh an t-inneal aca. O’n a bha so mar so, thug an luchd-riaghlaidh a h-uile misneach do na Breatunnaich, do na h-Americanaich, agus do gach sluagh eile aig an robh airgiod gus a dhol a bhuinig an oir do’n Transbhal. Bha Cruger agus a luchd-riaghlaidh a’ togail chìsean troma bhar nan Coigreach (Uitlanders) a chaidh do’n duthaich le’n cuid airgid a thoirt an uachdar na bha de dh’ ionmhas fo’n talamh aca. Ach cha tugadh iad do na daoine so cead an gnothach bu lugha a ghabhail ri ni sam bith a bhuineadh do riaghladh na duthchadh aca. Am feadh ’s a bha na coigrich (Uitlanders) a’ paigheadh naoi tasdain as a’ h-uile deich dhe’n chis a leagadh air an duthaich, cha robh fosgladh am beoil aca mu dheidhinn cia mar a rachadh a’ chis a chur gu feum. An uair a bheir sinn fa near e, chi sinn gur e euceart mor a tha ann so. Tha e mar gu’n tugteadh air daoine biadh a cheannach, agus nach leigteadh leotha greim dheth a chur nam beoil. No mar gu’n tugteadh air daoine mal a phaigheadh air son fearainn, agus nach fhaigheadh iad cead a dhol g’a aiteach. Saoilidh mi nach ’eil duine anns am bheil ciall no reusan a their gu’n robh so ceart. Ged a bha na coigrich a’ paigheadh gu daor air son sgoiltean na duthchadh a chumail suas, cha cheadaicheadh Crugair agus a luchd-riaghalaidh uiread is aon leasan Beurla a thoirt do chloinn nam Breatunnach agus nan Americanach a bha paigheadh cho daor air son cumail suas nan sgoiltean. Tha ’n doigh a bh’ aca a’ cur ’nam chuimhne an t-sean-fhacal a tha ’g radh, “Is toigh leam aran a’ bhodaich, ach cha toigh leam anail a’ bhodaich.” B’e canain nan Duitseach an aon chanain a bha ceadaichte ’theagasg anns na sgoiltean. Cha ruig sinn a leas ioghnadh a bhith oirnn ged a bha na coigrich mi-thoilichte leis gach doigh anns an robh Crugair agus a dhaoine a riaghladh. Tha e soilleir gu leor dhuinn nach robh dad fo near dhaibh, an uair a dh’ fhas iad rudeiginn beairteach air shailleamh nan coigreach, ach an cumail fo chisean troma, ar neo am fuadach gu buileach am mach as an duthaich aca. Ach o’n a bha na coigrich fiosrach gu’n robh coir aig na Boerich air ceartas a thoirt dhaibh, a reir a’ chumhnaint a rinn Breatunn riutha ’s a’ bhliadhna 1884, bha iad, mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad a’ feuchainn ri ceartas fhaotainn. Ach cha’n fhaigheadh iad ceartas air chor sam bith. Cha robh iad ag iarraidh ach facal fhaotainn ann an riaghladh na duthchadh, ni a bha nadarra gu leor dhaibh iarraidh. Mu dheireadh chaill a’ chuid mhor dhiubh, gu h-araidh iadsan a bh’ ann a’ Iohannesburg, am foighidin. Agus mar is tric a thachair, rinn iad gniomh air son an robh aithreachas gu leor orra. Rinn na daoine a bha ann an Iohannesburg suas ris na Breatunnaich agus ris na h-Americanaich a bha anns a’ choimhearsnachd, gu’n gabhadh iad an lagh ’nam lamhan fhein, agus a cheithir bliadhna na taca so, chaidh buidheann dhiubh fo cheannardachd Dr. Iameson, a steach do’n fhearann aig Crugair gus cuisean a chur ceart neo-ar-thaing do Chrugair, Ach cha deachaidh gnothaichean leotha mar a bha iad an duil. Bha fhios aig na Boerich air an ni a bha Dr. Iameson agus a dhaoine an duil a dheanamh. Agus o nach d’ rinn na daoine a bh’ ann an Iohannesburg mar a gheall iad, chuireadh a’ chuid nach do mharbhadh dhe na daoine a bha comhladh ri Dr. Iameson, ann an sas. Ged a bha Crugair a’ cumail am mach gu’n do chuir an gnothach amaideach agus mi-laghail so dragh mor air an inntinn aige, is e ni cho mor ’sa thug de thoileachadh dha ’s a thachair riamh anns an duthaich aige. Fada roimhe sid bha e gu bog, balbh ag ulluchadh air son cogaidh; ach an uair a thachair an gnothach amaideach ud, thug e cothrom dha air toiseachadh gu follaiseach ri ulluchadh a dheanamh air son a’ chogaidh. Thug Breatunn a h-uile oidhirp a ghabhadh deanamh air ceartas fhaicinn aig na coigrich a bh’ anns an Transbhaal. Bha fios a null ’s fios a nall eadar i fhein is Crugair, an duil gu’n gabhadh am mi-chordadh a bh’ eatorra mu chuisean na coigreach reiteachadh gun aimhreit sam bith a dheanamh. Cha robh Breatunn ag iarraidh mu dheireadh ach gu’m faigheadh a h-uile coigreach a bha fad choig bliadhna anns an Transbhaal, agus aig an robh taighean, no fearann, no meinnean, facal ann an taghadh luchd riaghlaidh na dùthchadh, an deigh dhaibh aideachadh gu follaiseach gu ’n robh a run orra a bhith dileas do riaghladh na duthchadh fhad ’s a dh’ fhanadh iad anns an duthaich, agus a gheibheadh iad ceartas mar a gheibheadh gnath mhuinntir na duthchadh. Bha Crugair a’ cumail a mach aig an àm gu’n robh e deonach gu leor na bha Breatunn ag iarraidh air a thoirt seachad, agus thug e fa near Achd a dheanamh anns au robh na nithean so air an gealltainn do na coigrich. Ach an uair a shealladh a steach anns an Achd, chunnacas gu soilleir nach robh ann ach an t-ainm gun an tairbhe. Agus an uair a dh’ iarr Breatunn gu ’m biodh aireamh de dhaoine tuigseach air an cur air leith araon le Crugair fhein, agus le Breatunn, a chum breith chothromach a thoirt air co dhiubh a bha feum anns an Achd so no nach robh, tharruinn e a thairgse air ais. Bha fhios aige gle mhath nach robh feum sam bith anns an Achd ged a rinneadh e. Ach fad na h-uine, bha e ag ulluchadh air son cogaidh cho trang ’s a b’ urrainn e, agus bha e ’feuchainn ris an car a thoirt a Breatunn le bhith ’cumail am mach nach robh toil sam bith aige a dhol a chogadh rithe. O’n uair ud fhuaradh am mach gu soilleir air iomadh doigh ciod a bha ’na bheachd fad na h-uine. Ach ged a chaidh cuisean leis o’n uair ud na b’ fhearr na bha daoine an duil, “bidh caochladh cur air clò Challum,” mu’n d’ thig bliadhn’ o’n diugh. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Cho fad ’s gu’n ruith am madadh ruadh, beirear air mu dheireadh.” IAIN. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. THA MI ’G IARRAIDH DITHIS NIGHEAN,—aon gu bhi ’na bana-chocaire, agus aon gu bhi cuideachadh nighinn eile ri obair-taighe. MRS. C. A. MEISSNER, Colby Lane, Sydney, C. B jan 12—tf Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. [TD 229] [Vol. 8. No. 29. p. 5] NAIGHEACHDAN. Thainig coig ceud de luchd-obrach do’n bhaile Di-haoine s’a chaidh. Is Eirionnaich an aireamh a’s motha dhiubh, agus thainig iad á Boston. Cha’n urrainn do chuideachd an iaruinn na tha dhith orra de luchd-obrach fhaotainn an Ceap Breatunn. Chaidh duin’ og d’am b’ ainm Sears a mharbhadh air an rathad iaruinn an Truro, Di-luain s’a chaidh. Bha e ’g obair air gluasad charbadan ’nuair a ghreimich aodach ri fear dhiubh ’s bha e air a shlaodadh astar leis. Bha e air a ghearradh ’s air a shracadh gu h-uamhasach. Ged a tha ’n t-side th’ againn o’n thainig an geamhradh gle bhriagha, tha i gle dhona do’n talamh, agus cuiridh i call mor air na tuathanaich. Le cion an t-sneachda tha ’n reothadh a’ faotainn do’n talamh agus a milleadh freumhaichean an fheoir. Mar is luaithe thig meall math sneachda a chomhdaicheas an talamh, ’s ann is fhearr. Dh’ fhalbh a cheud bhuidheann de ’n darra reiseamaid a tha Canada cur dh’an Transvaal a’ Halifacs Di-satharna ’sa chaidh. Bha’n t-side gle mhi-fhabharrach, ach a dh’ aindeoin sin bha aireamh mhor mhiltean sluaigh cruinn ’gan amharc. Tha soitheach ri falbh le buidheann eile dhiubh air an t-seachdain so, agus falbhaidh a bhuidheann mu dheireadh dhiubh mu mheadhon an ath mhios. Air feadh Chanada air fad, thatar a tionail airgeid air son nan saighdearan a chaidh a dh’ Africa, agus air son an teaghlaichean. Tha Morair Minto air ceann a ghnothuich, agus tha roinn mhor airgeid air a ghealltuinn cheana. Anns a bhaile so, tha ughdarras aig Banca Mhontreal airgead a ghabhail a stigh air son an aobhair sin. Tha e gle iomchuidh gu’m biodh suim mhor air a chur cruinn, a chum nach bi dith no deireas sam bith orra-san a tha air am fagail leotha-san a chaidh do dhuthaich chein a chur blair os leth an duthcha. Sgaoil Comhairle na Siorrachd Di-satharna s’a chaidh, an deigh a bhi na suidhe da sheachdain. Bha na ghnothuichean a bh’ air am beulaobh air an deanamh gu sgiobalta, agus cha ’n eil teagamh nach e so suidhe cho math ’sa bh’ aig a Chomhairle riamh. Bha na cisean air am paigheadh a stigh gu math, agus tha ’n t-siorrachd, air saileabh sin, gu math saor o fhiachan. Bha Mr. D. M. Mac Mhuirich air a chur a stigh mar chleireach na siorrachd. Tha chomhairle dol a dheanamh as aonais fir-lagha air a bliadhna so. Dh’ aontaich iad ceud dolair a thoirt mar ghibht do na ghillean a mhuinntir na siorrachd a dh’ fhalbh do ’n chogadh. Chaidh an t-siorrachd a roinn na sgireachdan rathaid, ni tha dochas againn a ni leasachadh air na rathaidean; cha ghabhadh cuid diubh deanamh na bu mhiosa na tha iad. Tha bruidhinn air an tigh-chaothaich ’s na tha dh’ fhearann timchioll air a chreic, agus aite math farsuinn a cheannach a mach air an duthaich. Tha mar an ceudna bruidhinn air tigh na curtach ’s an talla chreic, agus tigh ur a thogail am pairt ris a bhaile, tigh a bhiodh na eireachdas do’n t-siorrachd ’s do’n bhaile. Tha Tormad Domhnullach an deigh sgur a mharsantachd; reic e an stoc bathair a bh’ aige ri H. H. Sutharlan & Co., a tha nise deanamh gnothuich anns an stor cheudna. Chuir na sgoilearan ann an sgoil Miss Harrington corr us sia dolair cruinn air son nan daoine dh’ fhalbh mar shaighdearan do Africa. Rinn iad sin gun neach sam bith iarraidh orra ach iad fhein. Tha duil ri aireamh mhor a mhuinntir Cheap Breatunn a thigh’nn dhachaidh as na Staidean air an t-samhradh s’a tighinn. Tha iad a cur an aghaidh air Sidni, a’ creidsinn gu’m bi e na’s fhearr an uine ghoirid na bailtean mora nan Staidean. Bu mhath leinn iadsan nach do phaigh MAC-TALLA air son na bliadhna so iad ’ga dheanamh cho trath ’s is urrainn daibh. Mu’n am so dhe ’n bhliadhna, tha moran airgeid againn ri phaigheadh, agus mur dean an luchd-gabhail an dleasanas cha bi e comasach gach ni a chur ’na àite fhein. Chaidh Talla nan Daoin’ Oga ann am Port Morien, a lòsgadh gu lar maduinn Di-luain s’a chaidh, agus bha Talla nan Saor Chlachairean, a tha ri thaobh, air a dhroch mhilleadh. Cha’n ’eil fhios ciamar a thoisich an teine, ach tha cuid dhe’n bharail nach b’ ann le tuiteamas. Tha e na chall mor do mhuinntir Phort Morien an talla bhi air a losgadh, gu h-araidh o’n tha am baile aig an am cho fad air ais. Tha na fiosan a thainig a ceann a deas Africa air an t-seachdain so ag innse gu bheil an t-arm a tha fo Bhuller ag obrachadh gu tuath, agus nach eil iad gle fhad o Ladysmith. Cha’n ’eil teagamh nach ruig iad am baile sin an uine gun bhi fada, ach tha e cinnteach gu’m feum iad blar cruaidh a chur ris na Boers an toiseach. Tha moran naigheachdan a tighinn o am gu am do nach urrainnear creideas sam bith a thoirt. NA GADHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Bean Ailein Mhathanaich, Sidni. Murchadh Mac-a-Ghobha, Sidni. Alasdair Mac Rath, Sidni. A. R. Mac Neacail, Boisdale Barrachois. Cailean Domhnullach, an t-Eilean Cruinn. Tearlach A. Mac Leoid, Framboise Tuath. Murchadh Mac Leoid, Bagh Bhaddeck. I. D. Beutan, B. C. Chapel. Bean Sheumais Johnston, Cobh a Bheabheir. Aonghas Mac Fhearghais, Framboise. Seumas Mac Gilleain, Woodbine. Cailean Caimbeul, Amhuinn Mheadhonach. Iain Mac-a-Mhaighstir, Markton. Bean Ghilleasbuig Dhomhnullaich, Stirling. D. C. Domhnullach, Birch Grove. Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall. Domhnull Mac Gill-fhinnein, Boulardarie. Mrs. D. Nic Fhionghain, Port Morien. D. J. Mac Ille-Mhaoil. A. J. Beutan, Mabou. A. D. Mac Suinn, Glasgow. M. R. Mac Neill, Benacadie Pond. Ceit Dhomhnullach, Beinn Ghillanders. C. Mac Gill-fhinnein, Braigh Mhargaree. D. M. Mac Neill, Xmas Island. D. Moireastan, Ceap Nor. D. Domhnullach (gobha) Amhuinn Dhennis. D. Walker, Acarsaid Chloinn Fhionghain. Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit. C. W. Rothach, Black Rock. D. Mac Fhionnlaidh, L’Ardoise. Peigi S. Ghillios, Braigh Mhargree. A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle THA AGAINNE Cotaichean agus Colairean Bein, Tha toil againn an Creic, Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean. J. C. MILLS. Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. W. A. FRENCH, FEAR DEANAMH CHARBADAN agus CHAIRTEAN. Innealan Giulan dhe gach seorsa air an deanamh ri ordugh. Gheibh CRUIDHEADH EACH aire shonruichte. Airneiseachadh Charbad, Litheadh, Obair Fhiodha agus Obair Iaruinn. Dolbin and Matthew Streets, SIDNI, C. B. [TD 230] [Vol. 8. No. 29. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 227.) sgaiteach, a bha ’n Dràgon a’ tilgeil. Cha robh a bhrògan air a chasan, dh’ fhàilnich a cheumannan, thuit e air làr, agus mhilleadh agus sgriosadh a thiot’ e. Ceart mar so thachair do chàch, a h-aon an déigh a chéile thuit iad, mhilleadh iad, mhurtadh iad. Air tùs chuir so iongantas mòr air gach aon, ach bha iad cho sùgach, aighearach, mhireagach ’s a bha iad riamh, mar nach robh Dràgon, no nàmhaid ’s an tìr. Thug so misneach mhòr do ’n bhéist, agus smaointich e gu ’m faodadh e ’nis oidhirp a thoirt air a’ champ air fad, agus a h-uile aon d’a chuid naimhdean a sgrios le ’chéile. Bha e ’g a fholach féin ann an coille dlùth do’n champ, ach cha robh ’chridhe aige ’n oidhirp a thoirt;—oir mhothaich e an “Saighdear Dìleas” a’ sràidimeachd air freiceadan, le ’chlaidheamh fada air a thaobh, a sgiath mhòr air a ghualainn. Chuimhnich e mar ’bhuadhaich an rìgh ’n a aghaidh leis an armachd cheudna, agus chlisg e le eagal. Latha de na làithean ri teas na gréine, chaidh an “Saighdear Dìleas” a stigh do’n bhùth a leigeil ’analach, luidh e sìos, ’us thuit e ’n a shuain. Bha càch a mach ’s a stigh mu’n bhùth. Mhothaich an Dràgon dha so, smaointich e gu’m b’ e sin an t-àm freagarrach dha-san an oidhirp a thoirt air a mhilleadh. Ghrad leum e ’mach as a’ choille le ràn uamhasach ’am measg nan saighdearan, a’ bualadh cuid gu làr, a’ reubadh feadhnach eile, ’g an liodairt thall ’s bhos mar a b’ àill leis, agus gun neach dhiubh comasach air cur ’n a aghaidh. Ruith iad a stigh do’n bhùth. Thog aon fhear claidheamh, ach cha robh clogaid aige; chaidh fear eile ’mach le sgéith, ach cha robh claidheamh ’n a làimh. Ruith fear eile ’mach, ach ’n a chabhaig dhì-chuimhnich e a sgiath, agus cha b’ fhad’ a sheas e. Esan a chaidh a mach as eugmhais uchd-éididh, leònadh agus sgriosadh e ann an tiota; agus fear eile ’thàinig air adhart gun a bhrògan, leònadh e leis na saighdean briste, puinnseanta a bha cho tiugh air an làr. Bha ’n Dràgon fo mhoit mhòir, air at le uaill, a’ deanamh glòir ann an treuntas a neirt, fo bharail gu ’n do chuir e as do fheachd an rìgh. Ach dhùisg an “Saighdear Dìleas” as an t-suain chiùin anns an robh e, agus o aisling mhilis, naomh a bhruadair e. Ar leis gu’m fac’ e an Rìgh a’ seasamh dlùth dha, ceart dìreach ’s an aon éideadh leis an d’thug e buaidh air an Dràgon. Bha ’n fhuil a’ sileadh o ’làmhan agus o ’chasan, agus chunnaic e an Dràgon, ar leis, air a shaltairt fo bhonnabh a chas—ach ar leis gu’n robh an Rìgh ag amharc air féin le gràdh mòr, agus gu’n cual’ e e ’g ràdh, “A dheadh sheirbhisich dhìlis, agus mhaith, na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na bi fo gheilt oir is mise an Righ.” Chlisg e suas, chaidh e ’mach, bha e fo làn uidheam, fo làm armachd, mar a dh’ àithn an Righ dha. Lùb e e féin air a dhà ghlùn, ghairm e air ainm an Rìgh, agus air ball chaidh e’n caramh na béiste. ’N uair a chunnaic an Dràgon e ’teachd dlùth ghrad chaidh e ’n a choinneamh. Chuireadh an còmhrag. Thuit an “Saighdear Dìleas” gu tric air a ghlùinibh, agus ’s ann air éigin a b’ urrainn da deadh sgiath a’ chreidimh a chumail suas, ’an aghaidh nan saighdean teinteach, sgaiteach a bha ’tighinn air. Ach mar bu trice chaidh e air a ghlùinibh b’ ann bu làidire ’chinn e. Bha an còmhrag a’ dol air aghaidh mar bha ghrian a’ dol fodha, agus an deadh shaighdear an impis strìochdadh, ’n uair a thug e aon ionnsuidh làidir, threun; thog e a chlaidheamh geur, ghairm e gu h-àrd air ainm a Rìgh; bhuail e ’n Dràgon le buille cho làidir ’s gu ’n d’ thug e sgreuch eagalach, agus theich e air falbh; agus dh’ fhàg e deadh Shaighdear an Rìgh, gu buadh’or air blàr. An sin bha’n duine treun, dìleas, taingeil, sòlasach, agus chaidh e air ball air a ghlùinibh; thug e ’h-uile buidheachas do’n Rìgh, agus bu léir dha coslas a Mhaighstir a’ teachd gu ciùin, sàmhach, mar bha dealt an anamoich a’ braonadh air an t-saoghal, agus chual’ e a ghuth, chunnaic e a’ ghnùis, agus dh’fhiosraich e gu’n robh an aisling a chunnaic e fìor. Dh’ fhàiltich e e; thog e leis e do phàilliun àillidh, àrd, agus ghabh e a chòmhnuidh shòlasach gu siorruidh an làthair an Rìgh, ’san tìr aoibhnich, bheannaichte, far nach faod nàmhaid, no buaireas teachd gu bràth a stigh. SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXVII. An uair a chuir Amgiad an ceann bhar na mna-uasail, thuit e air muin Bhahadair, agus ghrad dhuisg e. Ghabh e uamhas an uair a chunnaic e Amgiad ’na sheasamh air a bheulaobh agus claidheamh lan fala ’na laimh, agus corp na mna-uasail air an urlar. Dh’ innis Amgiad dha mar a bha a’ bhean-uasal a’ cur roimpe gu’m marbhadh i e; agus, ars’ esan, “Cha robh rathad agam air a cumail gun do mharbhadh ach a beatha ghrad thoirt air falbh.” “Mo thighearna,” arsa Bahadar, agus e robh thaingeil, “cha deanadh daoine measail, caoimhneil mar a tha thusa gniomh cho eucorach ’s a bha i ag iarraidh ort. Shabhail thusa mo bheatha dhomh, agus cha ’n urrainnsa bhith taingeil gu leor dhut.” An uair a rug e air Amgiad ’na ghairdeanan, a chum a leigeadh ris dha gu’n do chuir e comain gle mhor air, thuirt e, “Feumaidh sinn an corp so a chur am mach as an taigh mu ’n soilleirich an latha. Fag thusa an gnothach ann am lamhan-sa, agus ni mi fhin e.” Cha robh Amgiad deonach so a bhith mar so idir; ach o ’n is e fhein a chuir gu bas am boirionnach, bha toil aige a cur as an t-sealladh. “Cha’n ’eil annadsa ach coigreach anns a’ bhaile so, agus cha teid agad air a’ ghnothach a dheanamh cho math ri duine a tha eolach ann. Feumaidh mi fhin a dheanamh air eagal gu’m faighear fios air a chuis, agus gu’n teid ar diteadh le cheile. Fan thusa ann an so, agus mur till mise air ais mu’n soilleirich an latha, faodaidh tu bhith cinnteach gur ann air mo ghlacadh aig na freiceadain a bhios mi. Ach air eagal gu’n eirich gu h-olc dhomh, ni mi mo thiomnadh mu ’n falbh mi, agus fagaidh mi an taigh so, agus gach ni a tha’n taobh a staigh dhe’n dorus, agad fhein; agus cha bhi agad ach fuireach ann fhad ’sa thogras tu.” “An uair a sgriobh e an tiomnadh, agus a chuir e ’ainm ris, thug e do dh’ Amgiad e. An sin chuir e an corp agus an ceann ann am poca, agus dh’ fhalbh e leis. Bha e ’falbh o shraid gus sraid, agus e ’deanamh cho direach air a’ mhuir ’s a b’ urrainn e. Cha deachaidh e ro fhad air ’aghart an uair, gu mi-fhortanach, a thachair aon de bhreitheanaibh a’ bhaile ris, agus e air a chuirt troimh ’n bhaile feuch am faiceadh e dad sam bith cearr. Rug na daoine a bha comhladh ris a’ bhreitheamh air Bahadar, agus dh’ fhosgail iad am poca, agus fhuair iad boirionnach marbh ann. Ged a bha deise seirbhisich air Bahadar, dh’aithnich am breitheamh anns a’ mhionaid e; agus o nach robh e ceadaichte dha a chur gu bas gun chead an righ fhaotainn, thug e leis e do’n taigh aige fhein. Gu math moch ’sa’ mhadainn thugadh Bahadar do thaigh na cuirteach. An uair a dh’ innis am breitheamh do’n righ mu ’n ghniomh ghraineil a bha air a chur as leith Bhahadair, chreid e anns a’ mhionaid gu’n robh e ciontach, agus thuirt e ris, “Is ann mar so, ma ta, a chuireadh tu mo shluaghsa gu bas gus an cuid a thoirt uapa, agus an sin bha thu ’dol a chur nan corp anns an fhairge gus falach a chur air an obair ghraineil a bha thu ’deanamh. Cuireamaid ceal air; bi falbh leis, agus croch e anns a’ mhionaid.” Ged a bha Bahadar neo-chiontach, cha do chuir e facal a steach gus e fhein a shaoradh, ach ghabh e gu h-umhail, samhach ris a’ bhinn a thugadh am mach ’na aghaidh. Thug am breitheamh leis e d’ a thaigh fhein, agus am feadh ’s a bha iad a deanamh na croiche deiseil, chuir e fear air falbh air feadh a’ bhaile a ghlaodhaich gu ’n robh Bahadar, maighstir nan each, gu bhith air a chrochadh aig a mheadhain latha air son mort graineil a rinn e.” Bha Amgiad fo churam mor fad na Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 231] [Vol. 8. No. 29. p. 7] h-oidhche mu dheidhinn Bhahadair, agus ghabh e uamhas mor an uair a chual’ e gu’n robh e gu bhith air a chrochadh. Thuirt e ris fhein, “Ma dh’ fheumar duine a chur gu bas air son a bhoirionnach aingidh ud, is mise an duine, agus cha’n e Bahadar. Cha’n fhuiling mi gu brath an neo-chiontach a chur gu bas an aite ’chiontaich.” Gun dail sam bith dh’ fhalbh e gu cabhagach do’n aite anns an robh an crochadh gu bhith air a dheanamh. An uair a chunnaic Amgiad a bhith toirt Bhahadair thun na croiche, chaidh e far an robh am breitheamh, agus thuirt e, “Tha mi air tighinn a dh’ innseadh dhut, agus faodaidh tu mo chreidsinn, gu’m bheil an duine a tha thu ’dol a chrochadh neo-chiontach de bas na mna-uaisle. Is mise a tha ciontach de ’n ghniomh ud. Ma dh’ fheumar duine a chur gu bas air son am boirionnach graineil ud a mharbhadh, is mise an duine.” Agus an sin dh’innis e dha a h-uile dad mar a thachair. An uair a dh’ innis Amgiad do ’n bhreitheamh mar a thachair am boirris an uair a bha e ’tighinn as an taigh-fharagaidh; mar a bha i ’na mathair-aobhair air a dhol do ’n taigh aig Bahadar, agus a h-uile rud a thachair gus an do ghearr e an ceann dhith, gus beatha Bhahadair a shabhaladh; dh’ ordaich am breitheamh stad a chur air a’ chrochadh, agus thug e Amgiad is Bahadar leis far an robh an righ. Bha toil aig an righ an naigheachd a chluinntinn o Amgiad fhein. Agus a chum a dhearbhadh do’n righ nach robh e fhein is Bahadar uile gu leir cho ciontach ’s a shaoileadh daoine, dh’innis e dha gu’m b’e fhein mac righ Eilean Ebene, agus mar a thachair dha fhein agus dh’ a bhrathair taigh agus rioghachdan an athar fhagail. Dh’ innis e dha mar an ceudna a h-uile tubaist a thachair dhaibh o ’n a dh’ fhalbh iad o’n taigh. An uair a chuir Amgiad crioch aìr na bh’ aige ri radh, thuirt an righ ris, “Tha aoibhneas orm a chionn gu ’n d’ thainig gnothaichean mu ’n chairt tre ’n d’ fhuair mi eolas ort. Tha mi ’leigeadh leat do bheatha fhein agus beatha Bhahadair. Tha mi moladh gu mor an caoimhneas a nochd e dhut agus tha mi ’ga chur anns an dreuchd ’s an robh e roimhe. Agus, mar leasachadh air an ana-ceart a rinn d’athair ort, ged a tha leithsgeul ann an tomhas ri ghabhail, tha mi ’g ad dheanamh ’nad ard-chomhairleach ’nam rioghachd. Agus tha mi ’toirt cead dhut gach ni a dheanamh a ghabhas deanamh a chum fios fhaotainn c’ait’ am bheil Asad do bhrathair.” Thug Amgiad moran taing do ’n righ air son na h-urram a chuir e air. Agus gun dail sam bith dh’ fheuch e ris gach ni a dheanamh a chum fios fhaotainn far an robh a bhrathair. Chuir e daoine a ghlaodhaich air feadh a’ bhaile, gus a radh gu ’m faigheadh neach sam bith duais mhor a bheireadh a bhrathair d’a ionnsuidh, no dh’ innseadh dha c’aite an robh e. Chuir e daoine ’g a shireadh air feadh na duthchadh mu ’n cuairt; ach a dh’ aindeoin na bha e ’deanamh, cha robh e ’cluinntinn guth no iomradh air a bhrathair. (Ri leantuinn.) AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 232] [Vol. 8. No. 29. p. 8] Baitseadh Dhomhuill Oig. AIR FONN:—“Leine lachdunn Dhonnachaidh Ruaidh.” ’S iomadh car a th’ anns an t-saoghal, ’S iomadh doigh ’san dian e caochladh Air nach eol dhuinn, ’s mar nach saoil sinn, ’S mar nach caomh air uairibh leinn. Chuir e mise so ’n am aonar ’Shenty bheag, robach nan taobhan, ’N deis na fhuair mi riamh a shaothair ’Togail dhaione is ualaich dha. SEISD. Feumaidh gur h-e baitseadh truagh Aig seann duine nach d’ dh’ ionnsaich e; Feumaidh gur h-e baitseadh truagh ’Th’ aig Domhull air reir cunntais dha. Baitseadh an t-seann duin’ air liathadh, Tri fichead ’s a naoidh a bhliadh’nean, Dh’ fhoghnadh e mar dhiol-a-fiach Do dh’ fhear ’s a chiall ’s a chliu aige; Bidh a sheors’ air fas cho stachdach, ’N uilt ’s a feithean bi ar ragadh, ’S fhearr leo laidhe nan trasgadh Na teannadh ri uasgairachd. Feumaidh gur h-e, &c. ’S olc an lagh a th’ anns an aite, Ge b’e dheilbh e rinn e cearr e, Cha robh subhailcean a fas ris Na faintean, ma chual’ e iad; ’Toirt aobhar dealachaidh do charaid A cheangladh gu daingeann, laidir, ’S briathran a chumhnant ag radh ruinn, Gur h-e ’m bas a dh’ fhuasgladh sinn. ’S mi nach cunnt’ na la an aigh e, ’Latha thug mi leam a mhaileid ’Falbh a bhaitseadh, ceum air ghaig leam, ’S ulaidh ghrain ’us fuath leam e; Suas ma dheas air na Dunaras,* Fad shia miosan, mar a bas dhomh, Re thri bliadhna sin an aireamh Bheir am patent bhuatha dhomh. ’S beag tha thoileachadh na sholas Ann am baitseadh aon dha ’m sheorsa, Riamh nach d’ chleachd a bhi ’na onar, Ma ’s a Domhnach na ’Luain bhiodh ann. ’S nach fhaic mi neach a ni dhiom feorach, “Cia mar a tha thu?” no “’M beo thu?” Ach Iain Mac Uisdean na onar; Re ma bheo, cha ’n fhuath leam e. Cha robh fhios am ciod an dolas A bha cearr air lud-a-stobh-bhig Nach laidheadh far am bu chor dha A dh’ aon seol ga ’n gluaisinn e, Gus na mhothaich mi, ’s mi meorach, Gun robh luath air at cho mor ann; Tut, mo naire! ’bhodaich ghrogaich, Nach b’e bheolaind shuarach i! Nuair a dh’ fhas an t-anart gruaimeach Chum na soithichean a shuathadh, Ghabh mi cuibhrigeadh na cluasaig, C’uime ’n truaighe ’chuimhn’ air e; Ach ’nuair dh’ fhas iad dubh le cheile, Cha ’n ’eil mi fhathast nam eiginn, Gabhaidh mi muilichinn mo leine— Cha ’n ’eil sgeul air uaisle so. Baitseadh Dhomhuill oig bhios ainmeil, ’Se sin, ma sgaoilear air falbh e, Bheir e naire dha luchd-leanmhuinn Aig cho garbh ’s tha thuairisgeul. Ach ’se theirinn ribh san nabachd, Ged a chluinnt’ e, cumt’ e samhach, Oir ma gheibh MAC-TALLA lamh air Gun dail bidh clo-bhualadh air. Mas e bhean dha ’m chor dhomh gradh thoirt, ’S mi nach iarr i thighinn air m’ arain; ’S mi tha cinnteach bean a nadair, Nach e cas na truas bhios dhiom. ’S ann a ni i dheth ceol-gaire Chumar bliadhna suas ’san nabachd; Leigeam leatha mar a tha i, Cha ’n e ’n agh chuir bhuaithe mi. Man robh mi leam fhin ach seachdain, ’S mi air thi a dhol am leabaidh, Chuala mi glag bualadh farum, ’S e teannadh gu luath orm; Sheall mi mach gu caol mar mheirleach, Feuch am faicinn de bu ghnath dha: Bha e air seasamh gu dana Slat na dha mu thuath orm. Shuath mi mo shuilean le mo bhasan Feuch an tuiginn de mo bheachd air, Man d’ thugainn sgeul ’mach na steach air Feuch co as a bhuaineadh e; Cha b’ urrainn mi dad a’ chantuinn, Bho ’n a bha ’n oidhch’ gun ghealaich— Beathach stubach, mollach, lachdunn, Spleadhan math do chluasan air. Thuirt mi rium fhin gu bog, samhach, Saoil ’n e so a ghobhar ghrannda Aig bheil comhaltas ri satan, Gu de fath a chuartaichidh? Gun thog mi mo ghuth an aird ris, Dh’ iarr mi air bhi toirt a shail leis, Nach robh fanadh aig’ na aite ’M ardraich ’s air a suarichead. ’Nuair tharruinn e ceum gu falbh bhuam, ’San glag a bualadh gu meanmnach, Thog e suas a stumpan earabuill, ’S leag e marbh a chluasan rium; Thuig mi gur e fiadh am bocan A chuir an t-eagal air Domhull, Feuch an gabhainn e mar chocair Gu ceol no gu buachailleachd. Seann duine na tugaibh beum dha, Ged ghabh e muilichinn a leine; Bha ’n uisge gann air a phrairie— Tobar fhein cha d’ fhuair e ann. Ach ’nuair gheibh e ann an ordugh, ’Sa chleachdas e ’bhi na onar, Bidh e sgiobalta, doigheil, Mar tig loin le fuachd air ann. *Cnoic, araidh. Chaidh an t-oran so a dheanamh le m’ athair, Domhull Mac Fhionghain, air neo Domhull og, ’se mar a’s trice theirear ris. Tha chomhnaidh am paraisde Naomh Andra. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil eolas aig cuid de leughadairean MHIC-TALLA air, gu h-araidh an t-ughdar urramach Iain, an uair a ni mi beagan de shloinneadh air:—Domhull mac Dhomhuill ’ic Dhomhuill ’ic Iain, a bha aon uair am Bail’-a-Mhanaich, Beinn-a-bhaoghla, Uidhist. Air dha fearann ur a ghabhail astar air falbh o dhachaidh, ’thog e leis a mhaileid, mar tha na rannan ag innse, ’s chaidh e thamh aige, mar a tha lagh ag iarraidh, gus coir fhaotainn air. Faodar a thuigsinn gun do tharruinn e ’n dealbh na bu mhiosa na bha cuisean. Ghabh e cothrom nam bard. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonhas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—6m. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 233] [Vol. 8. No. 30. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 2, 1900. No. 30. CLACH NA LANAIN. LE MRS. K. W. GRANND, GLASCHO. Fhuair an sgeul a leanas an duais a b’ airde aig a Mhod Ghaidhealach, an Dun-eideann, air an fhoghar s’a chaidh:— Air an rathad gu Grìobunn, anns an Eilean Mhuileach, mar a théid duine sìos am bruthach le ’aghaidh ri Loch nan Ceall, tha aig taobh an rathaid ris an làimh-dheis, clach mhòr, ioma tunna an cudthrom. Tha i ’n a seasamh ’an laraich tighe, cho teann dhinnte eadar na tri ballachan ’s ged a bhiodh iad air an togail a dh’ aon obair gu taic a chumail rithe. Na ’n robh am meall cloiche so air lòn, no air taobh cnuic, theirteadh creig ris; ach air a chuidheachadh mar a tha e, aig bun a’ bhalla chreige as an do thuit e, agus a tha ’g éirigh ioma ceud troidh os a cheann, a chuilbh àrda mar air an gearradh le làimh snaidheadair, cha’n ’eil ann ach ‘clach’ ann am meudachd no ann an coltas. ’S i so Clach na Lànain, no Clach na Càraid. Cha ’n ’eil mòran a làthair an diugh aig am bheil cuimhne air an latha air an do thuit a’ chlach a nuas as a’ bhalla uamhoir, ach ’s ann agamsa tha’n t-aobhar gun a leigeadh air di-chuimhne. Tha fada, fada o ’n a thachair e, ach tha na h-uile ni, mar a ghabh e àite fa m’ chomhair mar gu’m b’ ann an dé a bha e. ’S ann a tha na nithe a thachair ’an toiseach m’ òige na ’s soileire fa m’ chomhair na iadsan a ghabh àite ’n dé. Tha leamsa nach ’eil e ach mar mhìos no dhà o ’n a thàinig a’ cheud bhàta-deathaich a dh’ ionnsuidh ar cladaichean, a’ cur roth nam pleadhan mar gu ’m b’ ann muighe-eich a’ maistreadh na fairge ’s a’ fàgail rathad-mòr de chobhar as an déigh. Bha mi mu naoi bliadhna dh’ aois aig an àm, agus bha mi air mo rathad le dìnneir muinntir na buain an uair a thàinig i ’n sealladh. Ach cha’n fhaodar tòiseachadh air a leithid sin de naigheachd, air-neo cha bhi ùine eachdraidh Clach na Lànain a thoirt seachad; agus a thuillidh air sin, ’s ann aig Cnoc-Mhaolagain a ’s fheudar tòiseachadh. Cha ’n ’eil àite air an t-saoghal ri choimheas ri Cnoc-Mhaolagain. Tha ’n àite na ’s gloinne, ’s na ’s blàithe an sin: tha’n loch na ’s sàmhaiche; tha ’m fraoch air na cnuic na’s truime dath, le badain bhòidheach de fhraoch geal ri fhaotainn thall ’s a bhos ’na mheasg; tha fluran-cùbhraidh a mhachair làn meala; agus m’ a choinneamh tha Eilean-Chalaman. M’a choinneamh tha Eilean-Chalaman:—Calamain nan creag, eòin ghorm nan sgiathan luatha, ’n an ceudan a’ tuineachadh gun eagal fo dhùbhra nan creagan àrda; an sàile a’ ruith a mach ’s a stigh fodhpa, ’s mu’n cuairt air na sgeirean beaga, a’ briseadh le ceòl gun sgur. B’ ann a sin a rugadh ’s a thogadh mi. Cha d’ fhàg mi e gus an do phòs mi. Tha cuimhne agam air gach clach is preas, agus air gach oisinn de’n tràigh far an robh sligean ri fhaotainn; sligean ban-tighearna, toineanan-mara, faochagan mòra ’s beaga de gach dath—geal, buidhe, ruadh, is breac—sligean-creachain, feusgain is muirsgianan—ciod an seòrsa nach robh ri fhaotainn ’an àite no àiteiginn mu Chnoc-Mhaolagain? Air son eòin a’ chladaich, cha robh dìth oirnn a thaobh cuideachd le faoileannan is guilbnich, an stoàrnal chlis, na gulmagan, na trodagan-tràghad ’n an sreithean a’ ruith, mar a’ chlann bheag, a mach ás-déigh nan tonn, ’s a’ teicheadh a stigh air thoiseach orra. Air son eòin nan tonn, bha iad gun àireamh; eòin dubha, sgairbh, agus na faoileannan daonnan, mar amadain-léith mhòra, ag itealaich gun chlos os ceann nan tonna barra gheal. Agus aig crìoch an latha bha gathan mu dheireadh na gréine a’ lasadh, le soillse caomh, gach machair is cnoc is eilean, mu’n rachadh ás an t-sealladh aig oir a’ chuain mhòir. Tha e fìor, co-dhiùbh ’chreideas sibh e no nach creid, nach ’eil àit’ air an t-saoghal coltach ri Cnoc-Mhaolagain! Bhiodh mu dhusan teaghlaich anns a’ choimhearsnachd, eadar a h-uile tigh a bh’ ann. B’ iad sin na coimhearsnaich chaoimhneil, dhìleas; b’ fhiach iad an t-ainm. ’S ioma teaghlach a gheibhtear an diugh aig nach ’eil na buill cho aonta, no cho ionmhuinn mu chéile ’sa bha’n grigleachan a bha mu’n cuairt oirnn ’s an àm sin. Nach ioma deireadh-bhuain aoibhinn, nach ioma Nollaig agus Bliadhn’-ùr chridheil a chuir sinn seachad còmhla? Comh-cheangailte ris gach àite, agus ris gach ni a thachair ann am òige, tha ìomhaigh Raonaild a’ ghobhainn. Bha a màthair ’n a mhaighdinn aig mo mhàthair-sa an uair a phòs i, agus bha de mheas aig m’ athair air a h-athair-sa nach rachadh e ’n ceann gnothuch cuimeas air bith gun a choimhairle a chur ri Iain Gobhainn. B’ i mo mhàthair-sa a dh’ ionnsuich calanas do Raonaild. Bi a màthair-sa a theagaisg dhomh-sa na b’ aithne dhomh riamh mu bhainne, ’s mu ìm is càise oibreachadh. Mar sin, bha sinn a ghnàth ’s gun tàmh ’an tighean aon a chéile. Bha Raonaild cho eutrom iollagach air da chois ri eun air iteig; bha i cho bòidheach ri ròs fhiadhaich an fhàile chùbhraidh a bha’n oisinn a’ ghàraidh; bha i cho mireagach ri uan gun lochd. Cha’n ’eil uair a thig anail spìosrach na roide ’s an fhraoich a nuas bhar a’ chnuic orm, nach ’eil Raonaild agus mise còmhla a rithis, a’ bhuachailleachd a’ chruidh air maduinn gheal, Shamhraidh, trang aig a’ cheart àm a’ figheadh chlogaidean luachair no ’seòladh bhàtaichean seilisdeir. ’S ann air a’ bhrochan a bha ’m blas anns na làithean sin, an uair a shuidheamaid g’ a ghabhail air tom aig ceann na dail, ‘Cabhag,’ mo chù laghach, ag amharc as déigh a h-uile làn spàinadhairc a rachadh ’n ar beòil, agus a’ cur a spòg mhòr air ar glùn an dràsd’ ’s a rithis air eagal gu ’n dì-chuimhnicheamaid a’ chuid-san. Cha ’n ’eil uair a chi mi cléiteagan geal a’ chainichein am measg riasg is luachair, agus fraoch na mòintich le ’chopain mòra céireach làn meala, mar bhrat air an làr, nach ’eil Raonaild is mise dol do’n àite-mhòine le biadh nan daoine a bh’ aig an obair leinn,—bonnaich choirce, uibhean, mulachag ùr chàise, ’s cha’n ’eil fhios de tuilleadh. Dh’ fhàs Raonaild a suas cho sùbhailte ri slait sheilich, agus cho dìreach ri cuilc nan lochan. Cha do chuir iad mulad orm ach an aon uair riamh. Bha sin ’nuair a shaoil leam gu’n robh i dol a roghnachadh coigreach ’an àite aoin de m’ bhràithrean. Tha mi ’g ràdh h-aon diubh, a chionn bha i-féin agus mo dhara brathair, Gilleasbuig, ’n an sàr chompanaich, agus cha robh mòran obair idir aice féin agus Iain ri chéile, ach bha e ’n aon rud leamsa cò dhiubh ’gheibheadh còir oirre, ged a bha leam gu’n robh am fear a b’ òige tuilleadh ’s coltach rithe fhéin. ’S ann mar so, matà, a chuir i ’n iomaguin orm gu’d caillinn i—agus dh’ fhaoidte gu’m b’e sin a b’ fheàrr dhise seach mar a thachair. Bhiodh Raonaild mu naoi-bliadhn’ deug, agus mise beagan na b’ òige, an uair a thàinig peasan de thàillear a nall a Latharna meadhonach, a chur a suas obair air a làimh fhéin beagan astair uainn. Bha ’n duineachan sparasach, pongail gu leòir, ach cha robh ann ach an gasan; b’ fhiach lùdag Iain againne a choluinn gu h-iomlan. Cha robh an tàillear fada ’s an àite an uair a thòisich e ri tighinn cuid de ’n rathad as an eaglais le Raonaild is leamsa, agus gu goirid ghabh e ’n dànadas tighinn air chéilidh do na tighean againn. Bu ghasda le Raonaild caige ’chumail ris, agus chumadh i-féin ’s Gilleasbuig an tàillear ’an gleus, ach bha daonnan rud-éiginn aig Iain ri dheanamh a mach ’s an t-sabhal aig gu a leithid sin de àm, agus air mo shonsa dheth, bu leòir facal a chur a stigh an dràsd ’s a rithis, a chionn cha robh feum orm. Chaidh nithean air adhart mar so a’ chuid a bu mhodha de’n Gheamhradh. Ach air latha ’bha ’n sin, thuirt Iain ruinn aig an tràth maidne, “Faodaidh sibh a ràdh ris an tàillear ’nuair a thig e’n nochd, mo thomhas-sa ’ghabhail air son deise ùr. Chuala mi gu ’n robh feum ac’ air cìobair ’an Griobunn, agus tha mi air an àite ghabhail an diugh.” Sheall sinn uile air a chéile mar gu’n do thuit mi-fhortan air an teaghlach, gus an d’thuirt mo mhàthair gu sàmhach, “Tha fios nach fhaod fiughair a bhi againn ri bhi daonnan còmhladh, agus rinn thusa seasamh gu duineil ri d’ chuideachd gus a nis. Cha ’n iongantach ged a thòisicheas tu ri amharc a mach air do shon-féin a nis, a laochain; ’s cha ’n fhaod sinne ’bhi tuilleadh ’s muladach, ’s ann is fheudar do mhisneachadh, agus guidhe gu math dhuit.” Cha b’ urrainn gin againn àicheadh nach robh an fhìrinn aig ar màthair. Air a shon sin bha sgail air tighinn thairis air an dachaidh, a chionn cha bhiodh e gu bràth mar a bha e, as-eugmhais Iain. Air an latha sin féin chaidh snath stocainean a chur air leth air son tòiseachadh air gach ni feumail a’ dheanamh deas; agus anns an fheasgar, thàinig an tàillear, agus ghabh e tomhas Iain gur chur thall no bhos. Bha Raonaild a làthair an uair a ghabh so àite. Sheall i le spleadhnas o aon gu aon, ach cha d’ thuirt i facal. Cho luath ’s a fhuair i mise leam fhéin chuir i ’cheisd gu h-ealamh, “Ciod a th’ air tighinn thairis air Iain gu’m [TD 234] [Vol. 8. No. 30. p. 2] bheil e air gabhail ’n a cheann falbh a dh’ aon bheum mar so?” “Cha’n urrainn dhomhsa ’ràdh.” “’Bheil sin a’ ciallachadh nach ’eil toil agad a ràdh?” dh’ fhoighnich Raonaild a rithist. “Cha d’ thuirt e diog m’a dhéighinn gus an diugh ’s a mhadainn,” fhreagair mi. Chum Raonaild ’n a tosd. Thill sinn a stigh do’n chitsin, far an robh eàch. Bha iad a’ bruidhinn mu dhorchadas na h-oidhche, oir bha ceò domhail ann, agus bha ’n tàillear a’ deanamh bòsd as a mhisneach féin, ag ràdh gu daingean gu’n robh e os ceann geilt a ghabhail ged a sheasadh duine air thoiseach air air a rathad dhachaidh gu a sporan no a bheatha ’thoirt uaith. “’S math dhuitse nach ’eil eagal gu ’n tachair sin!” arsa Raonaild, “Cha’n ’eil fhios na’n tachradh nach toireadh tu do shàiltean ás glé luath.” Air sin, dh’ fhàg an tàillear oidhche mhath againn, agus dh’ fhalbh Raonaild beagan as a dhéigh. “’Illeasbuig!” ars’ ise, “thig thusa dh’ ionnsuidh an doruis againn leam; cumaidh tu na bocain air falbh an deigh na bha de bhruidhinn orra!” agus chaidh iad ’n an dithis a mach. Bhiodh mu sheachdain air dol thairis m’n do thill an tàillear. Tuille ’s aon uair thuirt sinn ri ’chéile, “Cha ’n ’eil fhios ciod a th’ air tighinn ris an tàillear!” Uair no dhà, an uair a thàinig sinn a mach leis so, dh’ amhairc Raonaild agus Gilleasbuig air a chéile, agus thigeadh Gilleasbuig a mach le spreadhadh gàire. “Aoidh ’ur n-uilc oirbh!” arsa m’athair, “tha rud-eiginn eadar sibhse ’n ’ur dithis mu’n tàillear ciod air bith e?” Cha do thuig sinn an gnothuch gus an do thill an tàillear le deise Iain deas glan. Bha sinn amharusach gu ’n robh ni éiginn ceàrr ’nuair nach d’ thainig e feadh na seachduin, agus ged nach robh aig m’ athair is mo mhàthair air, dh’ fheoraich iad dheth gu caoimhneil ciamar a bha e o’n a chunnaic iad roimhe e. “Nach cuala sibh diog?” dh’fharraid an tàillear. “Cha chuala,” arsa m’athair, “an robh dad air aimhreidh?” “Nach deachaidh mo robadh de m’ sporan, agus mo bheatha a chur ’an cunnart!” Dh’ asluich sinn air a h-uile car innseadh. “Cha robh mi ach mu mhile as a so, agus dìreach air an taobh so de’n Aonaidh, an uair a thàinig duine mòr àrd a mach a chùl na creige, agus leis an dàg ri clàr m’ aodainn thug e òrdugh dhomh mo sporan a liubhairt, air-neo mo bheatha a chur an cunnart. Cha robh a chridhe agam carachadh, mu’n rachad am peileir tromham; mar sin cha robh dol as a’ chàs, agus thug mi ’n sporan do’n bhéist.” Thug mise ’n aire gu’n robh Gilleasbuig thall an dùbhra na h-oisinn a’ call a lùthais a’ gaireachdaich, ach bha Raonaild gu dùrachadh a’ figheadh a stocaidh. “Cò ris a bha ’n duine coltach,” dh’ fheoraich i de’n tàillear. “Bha i tuilleadh ’s dorcha g’a dheanamh a mach, ach cha chreid mi gur e duine de mhuinntir an àite so ’bh’ ann; bha e cho caol àrd; bha cleoc air cuideachd agus cha’n aithne dhomh duine mu’n cuairt an àite aig am bheil cleòc ach fear an tighe so.” Chaidh Raonaild a mach car prioba, agus thill i le cleòca m’athair oirre agus boineid ’Illeasbuig. ’Na làimh bha marag dhubh a dh’ ionndrain mo mhàthair o’n mhaide air an robh sreath dhiubh an crochadh. “An e so an seorsa duine a thug do sporan uait,” dh’ fharraid Raonaild, a’ cur an sporain air a’ bhord air a beulaobh. Spleuchd an tàillear oirre car mionaid, an sin thog e ’n sporan agus dh’ fhalbh e ann am feirg a’ maoidheadh gu’n toireadh e gu cùirt i air a shon so fathast. Ach bha aon eile a làthair a chum a theanga, ged a las ’aghaidh a suas le gàire mear. B’e sin Iain. Mu ’n d’ fhalbh e bha e-féin agus Raonaild ùine fhada a’ bruidhinn ri chéile, agus ’se thainig a mach as a sin nach b’ ann idir gu muladach a dh’ fhàg e beannachd againn. Fhuaìr e gealladh o Raonaild gu’n rachadh i gu bhi ’n a bean-tighe dha cho luath ’s a bhiodh e deas air a shon sin, an àite bhi dol a mach le marag dhubh gu daoine ’robadh air an rathad-mhòr. An uair a tha daoine trang, toilichte théid an ùine seachad gu math luath. Mu bliadhna-gu-leth an déigh do Iain ar fàgail, bha e air a dheadh shuidheachadh aig Griobunn agus brath aige air tigh. Cha robh grabadh air thoiseach air a’ chàraid òig, mar sin chaidh an còrdadh a dheanamh, agus latha na bainnse ’shocruchadh. Bha h-uile duine mu’n cuairt toigheach air an dithis, agus cha robh caomhnadh air cearcan, no tunnagan, no caoraich. Chaidh uibhir ’s a dh’ fhoghnadh air son dà bhanais a thaomadh a stigh le làimh nan coimhearsnaich—ach cha ’n ’eil feum air so innseadh, oir tha fhios aig an t-saoghal air caoimhneas nan Gáidheal aig àm de ’n t-seòrsa. Tri latha roimh àm na bainnse chaidh mise null gu Airdioura, ann an I Chalum Chille, a dh’ fhaicinn bana charaid a bha ’dhith oirnn gu ar cuideachadh. Chaidh sinn còmhla a null gu ceann an eilein, a dh’ ionnsuidh na tràigh do ghainmheach gheal mhin far am faightear na clachagan bòidheach uaine, air am bheil uibhir mheas an diugh le luchd-taghail. Ag amharc am mach air a’ chuan. thug mi ’n aire gu’n robh Tiriodh mar gu’n robh e ’g éirigh as an fhairge. A nis, tha Tìriodh cho iosal ’s gu ’m bheil e duilich a thogail ri sid mhath shoilleir, mar sin chuir e iongantas orm na ceithir cnuic iosal fhaicinn cho dealbhach. “Seall’ a Bheitidh!” ghlaodh mi, “tha Tiriodh ag éirigh as an fhairge!” “Mise ’n diugh!” arsa Beitidh, “am faic thu na tha de sgeirean ag éirigh aig oir a’ chuain, agus na tonnan geala m’an timchioll?” Am feadh a bha sinn a’ coimhead orra thòisich uidh-air ’n-uidh coltas an éilean ri bhi air a dhealbh, ’n a sheasamh air a cheann anns an speur, thairis air an fhìor éilean. An sin, uidh air ’n-uidh mar a thàinig e, bhris e suas, agus aig a’ cheart àm dh’ fhalbh na sgeirean as an t-sealladh, agus bha Tìriodh cho iosal ’s a bha e riamh! “Ciod is ciall da so?” thuirt mise le uamhas. “B’fheàrr leam fhéin gu’n robh a’ bhanais thairis!” arsa Beitidh. Dh’ fhalbh sinn dhachaidh, agus chaidh Beitidh leam gu Cnoc-Mhaolagain. Dh’ fheuch sinn an drùghadh a rinn an sealladh oirnn a thilgeadh dhinn, ach thug mo mhàthair an aire nach robh sinn uile-gu-léir cho cridheil ’s a bu choir do mhuinntir bainnse a bhi. Dh’ innis sinn d’i an sealladh a chunnaic sinn ’n ar seasamh air an tràigh ’an I. “So, a dhuine,” ars’ i ri m’athair, a thàinig a stigh le bràid a bha e ’dol a cháradh. “an cluinn thu ciod a tha na h-ingheanan so ag ràdh?” agus dh’ innis i dha an sgeul a bh’ againn á I. “B’ àill leam fhéin gu’n robh a’ bhanais thairis!” thuirt Beitidh a rithis. “B’ fheàrr leamsa sin cuideachd,” fhreagair m’ athair le fiamh-ghaire, “ach ’s ann a chionn gur fhior chomharradh stoirm a chunnaic sibh. Tha fèith mhòr ann ’s na lathan so, ach an uair a bhriseas air an t-sid thig gaillionn gur ainneamh a leithid. Ach tha sinn an laimh a’ Cruithfhear.” Mar so chaidh an gnothuch seachad. Air a shon sin rinn e uibhir dhrughaidh air m’ athair, agus air Iain Gibhainn, gu’n d’rinn iad gach sìon ullamh, los nach biodh grabadh ’s an rathad, gu muinntir fhaighinn sabhailte dhachaidh na ’n tigeadh briseadh air an t-sid. Ach chaidh gach ni gu réidh air adhart, agus aig an aon àm bha ’ghaillion a’ bagradh ’s a’ dlùthachadh. Mu dheireadh bha ’m pòsadh thairis, agus bha a’ chàraid òg le buidheann de na càirdean deas gus rathad a ghabhail gu Grìobunn. Chaidh na beannachdan ’s na guidheachan math fhágail air gach taobh an uair a thill Iain a dh’ ionnsuidh an doruis, far an robh ar màthair ’na seasamh; rug e air làimh oirre, agus chaidh iad a stigh do’n tigh. “Ciod a dh’ fhairich thu, Iain?” dh’ fharaidh mo mhàthair. “A mhàthair,” ars’ esan, a’ toirt dheth a bhoineid ghorm, agus a’ cromadh air thoiseach oirre, “ged a tha mi ’falbh gu sona riaraichte dhachaidh, tha mulad orm ’ur fàgail; thoiribh dhomh bhur beannachadh!” “A mhic.” fhreagair a mhàthair, le ’sùilean làn, agus a’ leagail a làmh air a chamagan dubha mar gu’m ghiullan e. “tha mo bheannachadh agad daonnan. Thoir d’ uan geal dhachaidh as a nead ghlan, agus gu’n robh beannachadh an Thighearna, agus mo bheannachd-sa agaibh a ghnath.” Mar so dhealaich iad. Chaidh na càirdean leo a dh’ionnsuidh an doruis aca, agus dh’ fhalbh gach aon d’a thigh féin. An sin bhris an doinionn. Aig feasgar an ath latha thàinig Dòmhnull Mac ’Illeathain, aon de choimhearsnaich Iain a Grìobunn thun an doruis againn. “Thigibh a stigh, thigibh a stigh, ’s e ’ur beatha tighinn!” ghlaodh m’ athair gu cridheil. “Am faca sibh Iain is Raonaild an diugh?” ghlaodh mise. Ach dh’ fhan an duine ’n a thosd. “Ciod a th’ tachairt?” dh’ fharraid mo mhàthair le ciùinead, ged a bha ’n iomagain ’n a sùil. “An uair a dh’ éirich sinn an diugh, ’s a chaidh sinn a mach, chunnaic sinn gu’n do thuit meall mòr a nuas o’n chreig”— “C’àite?”—bhris o bhilean Ghilleasbuig. “Air tigh Iain.” “Ach ciod e sin ma tha iad fhéin sàbhailte. Ciod a thachair riu fhéin?” dh’ fhoighnich ar màthair. “’S ann feadh na h-oidhche ’thachair do’n mheall tuiteam,” fhreagair Dòmhnull. Cha robh feum air tuilleadh a ràdh! Chaidh fios a chur air a’ mhinisteir a phòs a’ charaid òg. Rinn sinn a réir a chomhairle. Mhair an stoirm trì laithean. Thainig fèith anabarrach ’n a dhéigh. Thrus an dùthaich còmhla a chum seirbhis an tiodhlacaidh. Thàinig an sluagh ’n am buidheannan o gach cearn, leis a’ phìob air an ceann. Cha bu lugha na naoi no deich piobairean a sheas am meadhon an t-sluaigh air an latha sin, agus an uair a dhùisg iad mac-talla a’ ghlinn le “Cha till, cha till, cha till mi tuilleadh,” theirteadh gu’m b’ iad guth broin nam beannta ’s a’ chuain, seadh na gréine féin, a’ caoidh na dithis nach tilleadh gu bràth a chur aoibhneas air cridheachan nam muinntir a dh’ fhàgadh as an déigh. Labhair am ministeir o na briathran, “Bha iad gràdhach agus taitneach ’n am bàs cha do sgaradh iad.” Cha robh sùil thioram anns a’ chomh-chruinneachadh mhòr sin, agus dh’ fhàg sinn Iain agus Raonaild an sin, far an d’ adhlaic an Tighearna iad. Bho ’n latha sin gus an diugh ’s ainm do ’n mheall cloiche sin “Clach na Lànain,” ’s e sin Clach na Càraid Oig. [TD 235] [Vol. 8. No. 30. p. 3] DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. V. Air an fheasgar sin fhein thàinig a’ bhantrach a rithist far an robh Muruchadh do’n bhùthaidh. “Is e chuir a nall mi,” ars’ ise, “feuch am faighinn am mach ciod a tha ’n ur beachd an uair a thill sibh a’ bhò dhachaidh le Domhull. Thuirt e rium gu ’n d’ iarr sibh orm a gleidheadh gus an cuireadh sibh fios g’a h-iarraidh. Tha eagal orm nach d’ thug e ugam an teachdaireachd cheart.” “Is e ’thug, a Mhor. Agus gun tuilleadh a bhith mu dheidhinn a’ ghnothaich, cum thusa agad a’ bhò, agus biodh a math agad fhein ’s aig a’ chloinn gus an togair mise cur ’ga h-iarraidh. A nis, ma chluinneas mi an corr m’ a deidhinn, fàsaidh mi cas riut. Cuimhnich sin.” An uair a chual’ i so, dh’ fhàs a h-aodann dearg mar gu’m biodh athadh oirre, oir dh’ aithnich i air guth Mhuruchaidh, nach robh iarraidh sam bith aige air an corr a chluinntinn mu ’n chùis. “Cum Domhnull anns an sgoil, ma dh’ fhaodas tu,” arsa Muruchadh. “Tha coltas glé thapaidh air, agus ma gheibh e bliadhna no dhà anns an sgoil, théid mi an urras gu’n cothaich e e-fhein glé mhath ge b’e àite anns an tachair dha bhith.” “Tha e mar a’s trice anns an sgoil fad a’ gheamhraidh ’s an earraich, agus ged a tha trì bliadhna o’n a chuireadh innte e, tha amhrus agam nach d’ ionnsaich e mòran fhathast. Ghabh e gràin air an sgoil. Tha am maighstir-sgoil gu math tric a’ gabhail air. Cha’n ’eil mise an aghaidh dha Domhull a chumail fo smachd; is mi nach ’eil. Ach tha amhrus agam gu ’m bheil e ro throm air buileach, glan. Cha b’e Domhull fhein a dh’ innis so dhomhsa idir, ach na sgoileirean eile. Cha ’n ’eil Domhull deònach aideachadh gu ’m bheil am maighstir-sgoil a’ beantail dha. Agus ged a rachadh a leith-mharbhadh, cha’n aidich e gu ’n do ghortaicheadh e, agus cha tig deur air a shùil. Tha so a’ toirt air a’ mhaighstir-sgoil a bhith ’smaointean gu’m bheil mòran de’n raigeann ’s de’n droch nàdar ann,” ars a bhantrach. “Sin agad a’ cheart dòigh a bh’ aig na maighstirean-sgoile an uair a bha mise òg. Ach an àite math a dheanamh mar a bha dùil aca, is ann a bha iad a’ deanamh cron mòr. Cha chuirear ciall, no gliocas, no idir ionnsachadh, ann an cloinn le bhìth’ sìor ghabhail orra. Is ann a thogas e gu fìor dhroch nàdar iad. Ach feumar an cumail fo smachd. Tha dealachadh eadar ciall is caothach. Bu chòir dhutsa, ’Mhòr, a dhol a bhruidhinn ris a’ mhaighstir-sgoile, agus a radh ris, nach bu chòir dha bhith cho fìor throm air a bhith ’gabhail air Domhull ’s a tha e,” arsa Muruchadh. “Cha leig an nàire leamsa a dhol far am bheil e, no aon fhacal a ràdh ris. Tha e cho frithir ’s cho danarra ’s nach leig an t-eagal le daoine bochda mar a tha mise am beoil fhosgladh ris. Cha ’n eil fhios agamsa nach ’eil daoine ’cur nam breug air. Cha chuireadh e ioghnadh sam bith orm ged a bhiodh e iomadh uair glé chas. Dh’ fheumadh duine aig am bheil ri bhith ’cumail làn taighe de chloinn ghòraich an òrdugh a bhith glé fhoighidneach gun teagamh. Cha’n ’eil agam fhein ach an ceathrar, agus bheir e mo dhìol dhomh iomadh uair cumail air mo nàdar. An uair a smaoinicheas mi air so, their mi rium fhein, nach bu chòir do dhaoine a bhith cho deas gu coire a chur air a’ mhaighstir-sgoile, ged a gheibheadh a nàdar cas làmh-an-uachdar air uair is uair. Ach is ann do bhur leithid fhein, a Mhuruchaidh, bu docha am maighstir-sgoile cluas a thabhairt. O nach ’eil clann agaibh ’s an sgoil, tha mi ’smaointean gu’n gabh e comhairle uaibh ni ’s luaithe na ghabhadh e i o mo leithid-sa.” “Faodaidh mise comhairle a thoirt air, a Mhòr, ach tha amhrus agam nach e taghadh na taing a’ gheibh mi uaithe. Tha e tuilleadh is mòr as fhein gu comhairle duine sam bith a ghabhail. Cha’n e h-uile fear a tha deònach comhairle a ghabhail, eadhon ged a b’e fìor charaid a bheireadh air i. Mar a tha’n sean-fhacal ag radh, ‘Comhairle caraid gun iarraidh, cha d’ fhuair i riamh am meas bu choir dhi.’ Ach bheir mise comhairle air, agus mur gabh e i, cuireadh e cùl rithe. Mur fheairrde esan a faotainn, cha mhisde mise a toirt seachad.” “Deanaibhse mar a chi sibh fhein iomchuidh. Ach tha e glé dhuilich leamsa Domhull a bhith ’cur seachad na h-ùine fo ainm a bhith anns an sgoil ’s gun e deanamh feum sam bith innte. Cha’n fhada is urrainn domhsa ’fhagail innte co dhiubh. Feumaidh e ’dhol a dh’ ionnsuidh a’ chruaidh-chosnaidh an ùine gun bhith fada, agus mur téid aige air beagan sgriobhaidh is leughaidh is cunntais a dheanamh, cha bi aige ach an dubh-chosnadh a h-uile latha ri ’bheò.” “Is iomadh fear a fhuair sgoil is ionnsachadh nach d’ rinn mor-fheum leotha dha fhein no do dhaoine eile. Ach air a shon sin, is fheairrde gach aon sgoile is ionnsachadh fhaotainn. Ged a bhiodh tùr is tuigse, agus sgoil is ionnsachadh aig fear, cha mhòr is fheairrde e iad mur cuir e gu buil mhath iad.” “Tha sin fìor gu leòr, a Mhuruchaidh. Ach cha bu chòir dha sinn a thoirt oirnn leigeadh le ar cloinn fàs suas ann an aineolas. Ma bheir sinne dhaibh an ceartas air am bheil còir aca, bidh dòchas againn gu’n dean iad feum math dheth. Ach faodaidh ar dòchas a bhith air a mhealladh.” “Tha thu glé cheart, a Mhòr. Nam biodh uiread de thoil aig pàrantan eile sgoil a thoirt do’n cloinn ’s a th’ agadsa, bhiodh cùisean mar neach ’eil iad.” “Feumaidh mi bhith falbh dhachaidh, a Mhuruchaidh. Cha’n ’eil a staigh ach a’ chlann leotha fhein. Cha ’n ’eil fhios nach ’eil iad air an losgadh an dràsta. Bithibhse, ma ’s e bhur toil e, a’ cumail sùil air Domhull, agus a’ toirt comhairle na còrach air cho tric ’s a dh’ fhaodas sibh. Ciod sam bith mar a nì e ’na dhéigh so, bha e umhail gu leòr dhomhsa ’s dha ’athair roimhe so. Ma fhreagras e dhuibh, bheir sibh comhairle air a’ mhaighstir-sgoile gun e bhith cho tric a’ gabhail air Domhull.” “Na biodh eagal ort, a Mhòr, nach dean mise na ’s urrainn mi air do shon fhein, agus air son do theaghlaich. Cùm thusa suas do mhisneach. Is goirid gus am bi a’ chlànn laidir gu leòr gu cuideachadh a dheanamh leat. Cha mhòr feum’ a ni duine sam bith dha fhein no do dhuine eile ma chailleas e ’mhisneach. Cuiridh Dia ort na dh’ fhoghnas dhut, mar a chuir e ort gus an latha ’n diugh. Tha e air innseadh dhuinn, gur e Dia athair nan dilleachdan, agus fear-taighe nam bantrach. An uair a bheir e aon nì uainn, bheir e dhuinn nì eile. Nan tugamaid fa near e, is ann a chum ar leas a tha Dia ’g ar fiosrachadh le trioblaid, bròn, agus bàs. Mar a’s trice, cha bhi daoine toilichte leis na h-atharraichean a thig air ann crannchur; ach thig a h-uile nì a bheir Dia ’n ar rathad a chum ar leas air a’ cheann mu dheireadh, ma bhios sinn umhail, agus toileach cur leis gach nì a bheir e dhuinn.” Am feadh ’s a bha Muruchadh a labhairt nam briathran so, bha na deòir a’ sileadh gu frasach o shùilean na bantraich. Cha robh e an comas dhi aon fhacal a ràdh. Shin i a làmh dha, a dh’ fhagail beannachd aige, agus dh’ fhalbh i. An ceann mionaid no dhà an déis dhi dhol am mach as a’ bhùthaidh, chuimhnich Muruchadh gu’n robh e air an inntinn aige, an àm dha ’bhith bruidhinn rithe, iarraidh oirre tighinn a dh’ iarraidh nì sam bith a bhiodh a dhìth oirre; ach an uair a thug e an aire gu’n robh i mar gu’m biodh a cridhe gu bristeadh le bròn ’s le mulad, dh’ fhalbh an smaointean bhar na h-inntinn aige. Chaidh e am mach as a’ bhùthaidh an dùil gu’n robh i dlùth gu leòr dha gu eigheach as a déigh; ach bha i air a dhol as an t-sealladh air chùl a’ chnuic mhòir. Thill e steach, agus thuirt e ris fhein, gu’m b’ fhearr dha dhol a null do ’n taigh aice air an fheasgar sin fhein, agus fios fhaotainn an robh a’ bheag de bhiadh aice a’ staigh. O ’n a b’e oidhche Shathurna bh’ ann, cha d’ fhuair e am mach as a’ bhùthaidh gus an robh greis de’n oidhche air a dhol seachad. Bha taigh na bantraich pailt da mhìle uaithe, nan leanadh e an rathad mòr; ach o’n a bha ’n t-side tioram agus a’ ghealach ’n a h-àirde, ghabh e tarsuinn an t-sléibhe. Chuir so pailt leth mhile de’n astar a staigh ris. An uair a ràinig e an dorus, sheas tiotadh beag, ’s gun e ro chinnteach co dhiubh b’ fhearr dha bualadh idir. Dha fhios aige, nam buaileadh e, gu’n saoileadh a’ bhantrach gur e coigreach air choireiginn a bh’ ann, agus gu’n cuireadh i am biadh as an t-sealladh; oir thuig e air a’ bhruidhinn a bha e cluinntinn, gu’n robh a’ clann aig an suipeir. Ghabh e steach, agus thuirt e, “Tha sibh aig an t-suipeir.” B’e sin an t-suipeir bhochd. Bha’n clàr buntàta an taobh shìos de’n teine, agus fòd mònadh fo’n iomall a b’fhaide o’n teine dheth, a chum gu’m faiceadh a’ chlann am buntata ni b’ fhearrr le solus an teine; oir cha robh an corr soluis a staigh. Bha ’n ceathrar chloinne ’n an suidhe air fòidean monadh timchioll a’ chlàir, agus ann am meadhain a’ chlàir bha trinnsear anns an robh làn an dùirn de shalann. An uair a rùisgeadh iad am buntàta, bha iad ’ga thumadh anns an t-salan. Cha robh a’ bhantrach aig a’ chlàr buntàta idir. An uair a chaidh Muruchadh a steach bha i ’n a suidhe ri taobh an teine, a dà bhois m’a sùilean agus a h-uillean air a glùinean. An uair a chuala i a ghuth, thog i a ceann, agus bha dreach a’ chaoinidh air a h-aghaidh. Thiormaich i a sùilean le ’h-aparan, agus thuirt i, “Deanaibh suidhe.” Nach anamoch a ghluais sibh o’n taigh?” (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXVIII. Bha Asad aig an am air a ghlasadh ann am priosan fuar dorcha, ceangailte le geimhlean troma. Bha Bostama agus Cabhama a’ gabhail dha gu doirbh le slait. ’S an am bha feusd luchd-aoraidh an teine a’ tarruinn dluth, agus bha long ’g a faighinn deiseil gus a dhol gu ruige nam beanntan teine mar bu ghnath. B’ e ainm an sgiobair Behram, fear a bha gle eudmhor air son a’ chreidimh. Chuir e luchd bathair innte; agus an uair a bha e deiseil gu seoladh, chuir e Asad ann an ciste, a bha leith lan de bhathar, agus dh’ fhagadh beagan fosglaidh air a’ chiste gus cothrom a bhith aig Asad air ’anail a tharruinn, air eagal gu’m faigheadh e bas. Chuireadh a’ chiste ann am fior ghrunnd na luinge gus a bhith na bu shabhailte. Mu’n do sheol an long, chual’ (Air a lenntuinn air taobh 238.) [TD 236] [Vol. 8. No. 30. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 2, 1900. Cluinnear ann an caochladh chearnan de ’n t-saoghal glaodh mor a dol suas nach eil coir no ceartas air taobh Bhreatunn anns a chogadh a tha aice ri Dùitsich Africa a Deas. Theirear ann an Ruisia, anns a Ghearmailt, anns an Fhraing, agus, eadhon anns na Stàidean, gur ann a tha Breatunn a cogadh ri coi-fhlaitheachd bhig nach eil ciontach de ni sam bith ach a bhi feuchainn ri a còraichean ’sa saorsa a dhion. Ma’s fhior dhaibh gu bheil Breatunn ’s an eucoir, ’s nach eil i ach a gabhail cothrom an duìne mhoir air an duine bheag. Is gann gu ruigear a leas a radh an aghaidh sin, ach, ma tha e fior, gu bheil atharrachadh mor air tighinn air Breatunn. Cha ’n aithne dhuinne no do neach eile gu robh rioghachd no cinneach ann riamh o thoiseach an t-saoghail a rinn uiread fala dhòrtadh agus airgid a chosg air son saorsa agus math a chinne-daoine air fad ’sa rinn Breatunn o thoiseach na linne so fhein. Tha e ri fhaicinn gu soilleir air feadh na Roinn-Eorpa fhein gu bheilear ag amharc air Breatuun mar an aon rioghachd mhor a tha deònach ceartas agus saorsa fhaicinn aig rioghachdan eile. Tha rioghachdan beaga na h-Eòrpa gu tric fo eagal gu’m bi iad air an slugadh suas le aon te no te eile de na rioghachdan mora; ach cha’n eil eagal sam bith dhe’n t-seòrsa sin aca romh Bhreatunn: tha fhios aca an aite sin, gu’n seas i iad an am na h-eiginn. Tha fhios aig na rioghachdan mora air sin a cheart cho math riutha, agus ’se fhios a bhi ac’ air a chum iad cho fada o an rùintean sanntach a chur an gniomh. ’Si Breatunn bu mheadhon air an saorsa thoirt do àireamh de na rioghachdan beaga tha ’n diugh a mealtuinn saorsa agus fein-riaghladh ann an cùiltean ’s an iomallan na h-Eorpa. Agus tha Breatunn a’ faotainn a chliù sin uapa; ann am pàrlamaid na Gréige a chionn ghoirid, labhair am priomhair mu chogadh an Transvaal, agus dh’ eirich gach duine bha ’san t-seomar na sheasamh a glaodhaich, “Dhia, gleidh Breatunn!” Na’m biodh e air a cheadachadh le lagh nan rioghachdan, ghabhadh reiseamaid no dha togail ’s a Ghreig ’s an eilean Chrete, gu dhol a chogadh air a taobh, a cheart cho soirbh ’sa chaidh an togail an Australia ’san Canada. Cha’n eil Breatunn a’ cogadh an aghaidh còir no ceart; tha chòir ’s an ceart air a taobh, agus aidichear sin leothasan a tha ’n diugh ag radh nach eil, nuair a thig an t-am anns am bi an cogadh seachad agus a bratach dhearg a snamh thairis air an Transvaal ’s air Africa a Deas gu h-iomlan, àm nach urrainn a bhi gle fhad air falbh. Litir a Ceap Nor. Nach math a dh’ fhaodas sinn a radh gur ann againn a tha geamhradh an aigh! Cha’n fhaca aon dheth na daoine a’s sine ’n ar measg riamh a leithid. Gus an àm so cha do chuir aon chuid reothadh no stoirmean a bheag do dhragh sam bith oirnn. Am beagan sneachd a bh’againn ’s ann a leagh e air falbh o chionn ghoirid, a togail nan aimhnichean na’s airde na chunnaic sinn iad o chionn iomadh bhliadhn’ thar fhichead. Cha do leig iasgairean Acarsaid Neil seachad iasgach an truisg gu deireadh na seachduin s’a chaidh. Cha robh an t-iasgach math sam bith o chionn a dha no tri mhiosan; agus mar sin tha cuid dhiubh-san air bheagan buntàta, agus cuid againn air bheagan eisg, air son a gheamhraidh. Mar a’s mo a ghlacas iadsan de iasg ’s ann a’s modha bhios a mhalairt eadar iad fhein agus tuathanaich an aite so. O’n tha Acarsaid Neil mu leitheach slighe eadar an t-aite so agus Ingonish, ’s gann a ni duine dol ’us tighinn le each a slaodadh sleihge luchdaichte, ri latha goirid geamhraidh. Ma’s bochd a dheanadh sinne as eughmhais nan iasgairean ud, is co bochd as sin a dheanadh iadsan an gnothach as ar n-eughmhais-ne. ’S gann gu bheil gne toraidh sam bith a tha ar fearainn a’ giulan, mar tha buntàta, sneupan, cal, coirce, feur, &c., nach ’eil sinn a slaodadh d’an ionnsuidh gach bliadhna, cho math ris gach seorsa feola bhios againn. Mu thoiseach a mhios so, thainig Seumas Mac Leoid, a St. Anns, a thoirt seachad nan uidheaman nighe, uidheaman fàsgaidh, &c., dhoibh-san a thug dha an ainmean air an son deireadh an fhogharaidh s’a chaidh. Ged bha sinne am beachd gu’n robh na h-uidheaman nighe a bh’ againn a’ deanamh, cha’n e mhain deadh nigheadaireachd, ach mar an ceudna iomgdh obair fheumail eile, rachadh aig Seumas air a dhearbhadh oirnn a thiotadh nach robh sinn a toirt ceartas dhoibh, agus le comhnadh nan uidheaman aige-san gu’m biodh gach obair eile na b’eutruime air gach aon diubh. Dh’fhan e maille ruinn gu deireadh seachduin nan coinneamhan-urnuigh, a treorachadh na seinn, ag earalachadh an t-sluaigh, ’s mar sin ag aotromachadh saothair a mhinisteir agus a toirt toileachaidh nach bu bheag do’n luchd-eisdeachd. Faodaidh mi innse nach robh càs de’n amhach ghoirt ’s an aite so o chionn fhada, ’s tha dochas againn nach eirich i ’n ar measg ni ’s mo. Tha aireamh bheag tinn le euslaintean eile; ’s tha sinn toilichte gu bheil cuid dhiubh a’ dol am feabhas, ach duilich a bhi faicinn cuid eile a dluthachadh ris a bhàs. Ged is tric a bhios daoine tha’n deadh shlàinte, a cur là a bhàis fad air thoisich orra, cia minic a tha cuid dhiubh air an gearradh air falbh gu h-obann, am feadh ’s a tha cuid dheth na h-euslaintaich air an caomhnadh gu fior shean aois. M. D. Ceap Nor, Ian. 24, 1900. Mu Imrich nan Eun. “Seadh is aithne do ’n chorra-bhàin anns an athar a h-àm fein, agus is aithne do’n choluman, agus do ’n ghobhlan-ghaoithe am an teachd.”—Ieremiah. Cha’n ’eil e comasach smuaineachadh air an tuigse nàduir a bhuilich Dia air na h-eunlaith, gun bhi air ar lionadh le iongantas, agus de gach tuigse tha aca, cha’n eil ni is aithrigh air beachd, na mar theid cuid diubh o thir gu tir air àmaibh sonraichte. Ged a tha iomaduidh seòrs’ againn ’san t-sàmhradh cha mhòr a dh’ fhuirgheas againn fad a gheamhraidh. Cha luaithe a thòisicheas am fuachd ri teachd na dh’ fhalbhas a Chuag, an Golan-gaoithe, an Liath-truisg, a Chorra-riathach, agus iomad seòrs’ eile. Itealaichidh iad air falbh do dhùthchaibh is ferrr a fhreagras doibh. agus anns an am cheudna thig eoin eile oirnn o rioghachdaibh is faide mu thuath n’an dùthaich againne. Tha dà ni ro chomharaichte san imrich so. ’Se cheud ni gun tuigeadh na creutairean sin an t-àm is freagarraichte dhoibh gu falbh agus gu tighinn; agus ’se ’n ni eile, gum biodh fhios aca c’aite ’m bu chòir doibh dol, agus ciod an t-slighe bu chòir dhoibh a ghabhail. Tha e air a thuigsinn gu bheil aig eoin na h-imrich so sgiathan, agus cumadh a tha gu h-àraidh freagarach arson dol air astar fada. Agus tha e ro-shonraichte gu bheil iad air na h-àmalbh so a ’leige ris gliocas agus riaghailt a tha cur mòr ìoghnadh oirnn. Mhothaicheadh ann an cuid de Dhùthchaibh gun cruinnich iad nan sgaoithibh lionmhor as gach cearnaidh de’n tir, ann an àiteachaibh fa leth a réir an gné, beagan ùine m’an gabh iad an turus, mar gum biodh iad a’ deanamh suas ri cheile m’an àite chum an robh iad a’ dol; agus falbhaidh iad an sin le aon fheachd, agus gun sdiuir gun chòmbaist san oidhche dhall dhorch, thairis air chuantaibh, agus riaghachdaibh, do na dùchaibh is iomallaiche. Tha turus na’n Giadh agus nan Tunnaga fiadhaich, aithrigh air beachd sonraichte. Falbhaidh iad nan dà shreith a’ coinneachadh air an toiseach, mar gum biodh geinn ann. Tha’n t-aon is toisiche a’ gearradh an àile do chàch; ’s an uair a bhios esan agus an dithis a tha na dhiaigh sgìth, theid iad a chum an deiridh, agus gabhaidh triuir eile an aite. Tha e air a mheas gu bheil cuid diubh so a ni dà cheud mile an aon là, ’s gun a bhi air iteig ach sèa uairean. Ann an imrich so tha maitheas agus freasdal De ro-shoilleir. Nach furasd fhaicinn a chaomh thròcair dhoibh ann an solar lòin, air an son agus gan sdiùradh far a bheil so ri fhaotainn, ’nuair tha e faillneachadh orra an àite eile. Tuigeamaid uaithe so gu bheil gach ni ann an rioghachd an Uile-chumhachdaich air shocrachadh le gliocas neo-chriochnach. Tha ’n t-eun is faoine san ealtuinn fa fo chùram Dhe. Smuainticheamaid air a so, agus gabhamaid nàire arson ar n-an-earbsa, ar teagamh, agus ar n-iomaguin. Easan a tha seoladh a mach slighe do na h-eoin, nach mòr is mò na sin a ni e dhuitse, O! dhuine, air bheag Creidimh?—An Teachdaire Gaidhealach. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. [TD 237] [Vol. 8. No. 30. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha an obair ann an oifis a phosta air fas gle throm o chionn dha no tri mhiosan air ais; tha aireamh nan litrichean a tha falbh ’sa tighinn moran na’s motha na b’ àbhaist mu’n do thoisich an obair iaruinn. Tha e air innse dhuinn nach ni ainneamh aig an am so corr us mile litir bhi air an tilgeadh anns a bhocsa o am dunadh na h-oifis air an oidhche gu am falbh a mhail ’sa mhaduinn. Cheannaich cuideachd an iaruinn moran cloich aoil aig Marble Mountain toiseach a gheamhraidh, agus thatar ag radh gu bheil iad a dol a thogail rathad-iaruinn o’n aite sin gu Orangedale, air son gu’m bi e comasach dhaibh an t-aol a ghiulan gu Sidni aig am sam bith dhe’n bhliadhna. Tha iad mar an ceudna togail pios goirid de rathad aig Amhuinn Sheorais gu fearann aoil a th’ aca an sin. Tha cothrom aig muinntir a Yukon agus a Chlondaic a nise air paipearan naigheachd fhaotainn. Roimhe so cha robh ni ri chur leis a phosta do’n àit iomallach sin ach litrichean, ach mu thoiseach na bliadhna so bha cead air a thoirt seachad paipearan a chur leis. Tha aireamh bheag de luchd-gabhail aig a MHAC-TALLA ann an Dawson cheana, ach cha’n eil teagamh againn nach teid an aireamh am meud a nise. Chaochail Padruig, mac Eachuinn Mhic Fhionghain, Amhuinn Shidni, ’sa mhaduinn an dé air sàileabh goirteachadh a fhuair e o chionn da sheachdain air ais anns a bhaile le each us cairt. Ghabh an t-each eagal romh’n charbad-iaruinn ’s theich e, agus bha esan air a thilgeadh a mach ’s chaidh cuideachd na cartach thainig air a cheann ’ga ghoirteachadh cho dona ’s gu’n dh’ aobharaich e bhàs. Cha robh ann ach gill’ òg, da bhliadhn’ deug a dh’ aois. Tha co-fhaireachdain againn ri phàrantan. Tha Impire ur a nis thairis air Sina. Ged nach robh ann an Kwangsu, am fear a bha roimhe so na impire ach duine gle og, leig e ’n riaghladh dheth, ’s chuir e Put Sing, nach eil ach naodh bliadhna dh’ aois, na aite. Cha’n fhaodar a smaoineachadh co-dhiu, gu’m b’ann os a cheann fhein a rinn e sin; ’s ann a bha e gu buileach air chomhairle bantraich an impire bha air a chrùn roimhe, agus bha ise toirt air gach ni a dheanamh a bhiodh a chum a cumhachd fhein agus a greim air riaghladh na duthcha a dhaighneachadh. B’e so an ni mu dheireadh a thug i air a dheanamh, e-fhein a chur bhar na righ-chathrach. Thugadh an car gu dona á muinntir Thruro aon latha o chionn che-la-deug air ais. Chual iad gu robh aireamh cheudan dhaoine tighinn air a charbad iaruinn; shaoil leotha gu’m b’iad na saighdearan a bh’ann air an turus o Chuebec gu Halifax, agus thionndaidh iad gu ire bhig uile mach a chur fáilte orra. ’Nuair a thainig an carbad,cha robh saighdear ri fhaicinn; ’se bhàca ceithir no coig a cheudan de luchd-obrach as na Stàidean a bha tigh’n gu Sidni dh’ ionnsuidh na h-obair iaruinn. Agus ’nuair a chunnaic cuid de na h-Eirionnaich a bha ’nam measg an sluagh ’sa thuig iad car son a chruinnich iad, cha’n fhac’ iad ni a b’iomchuidhe na toiseachadh le guth àrd air guidh, saoghal fada do Chruiger! An ti a’s fhearr an Ceap Breatunn air 24cts am punnd aig H. H. Sutharlan & Co. Tha sinn a nis’ aig an darna latha de February, an teis-meadhon nam faoilteach, agus faodar a radh nach robh far latha no dha ann fhathast ris am faodte lathaichean geamhraidh a radh. Tha an acarsaid fosgailte ’s am bàt-aiseig a ruith gu riaghailteach; cha do chuireadh dragh air le deigh ach aon uair, agus gle bheag an uair sin fhéin. Cha’n eil sneachda sam bith air an làr, agus tha na roidean gle dhona. Tha moran bruidhne air a dheanamh aig an am so mu thogail rathad-iaruinn air taobh a deas an eilean, eadar caolas Chanso agus Louisburg, a dol troimh St. Peter’s. Tha chuideachd a tha dol ’ga chur air adhart ag iarraidh air na siorrachdan troimh ’m bheil e gu dhol, coir-rathaid a cheannach dhaibh, agus cha ’n ’eil teagamh nach dean na siorrachdan sin ma chithear gu bheil an obair gu dhol air adhart. Dheanadh rathad-iaruinn feum mor do thaobh a deas an eilean, agus bu mhath an ni gu’n rachadh a thogail. Tha moran dhe’n bharail, ma gheibhear cuideachadh reusanta o’n riaghladh, gu’m bi e air a thogail gun teagamh sam bith. Tha cuideachd ùr d’an ainm The Cape Breton Manufacturing and Developement Company, air a chur air chois anns a bhaile. ’S iad na daoine bhuineas dh’ an chuideachd so, R. S. Hodgins, a Montreal; Eachunn F. Dughlach, M. P., as na Narrows Mhora; R. B. Van Horne, S. N. Luke, agus Calum Mac Pharlain, a Montreal. Tha iad a dol a thòiseachadh air deanamh bhricks aig North West Arm cho luath ’sa thig side fhreagarrach ’san earrach. Bidh na h-innealan a’s fhearr aca, agus tha iad an duil a bhi comasach air ceud mile bric ’san latha chur a mach. Tha laimhrig ri bhi air a togail gun dail, agus tha iad ag iarraidh thairgsean air son connaidh agus guail. Cha’n eil teagamh nach bi iad a’ deanamh obair mhor air an t-samhradh s’a tighinn. Cha’n eil an so ach aon de na h-obraichean lionmhor a tha cinnteach tighinn an lorg na h-obair iaruinn. Thug an Seanalair Warren a mach cnoc ris an canar Spion Kop, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, ni a chuir aoibhneas mor air muinntir Bhreatunn ’nuair a chual iad e; ach an deigh dha an t-àite chosnadh, fhuair e mach gu robh e gu ire bhig air a chuartachadh le daighneachdan nam Boers, agus chum iad teine cho milteach ris ’s gu’m b’ fheudar dha an cnoc fhàgail tràth ’sa mhaduinn Dior-daoin, agus chaidh a bhuidheann sin de dh’ arm Bhuller air ais thar na h-aimhne Tugela. Bha so an toiseach air a mheas na thilleadh mor, ach tha Buller fhéin ag radh ged nach deachaidh leis, gu’n d’ fhuair e eòlas air an dùthaich ’s air daighneachdan nam Boers nach robh aige roimhe—eòlas, tha e ’n dòchas, a chuireas ’na chomas Ladysmith a ruigheachd an ceann seachdain eile. Cha robh an call air taobh nam Breatunnach ach beag, agus thatar a deanamh am mach gu robh na Boers air an lagachadh gu mor; oir ’nuair a bha ’n t-arm Breatunnach a tilleadh thar na h-aimhne cha d’ thug iad ionnsuidh air dragh sam bith a chur orra. THA Saoiread a Bhathair a tha sinn a creic a mach a sior tharruinn aire dhaoine. Nach tarruinn na prisean a leanas t’ aire-sa:— Brogan obrach dhaoine ’s ghillean (Split Bal.) 80c Leintean troma Gingham 26c Triubhsairean Troma de chloth gorm 90c Leintean briagha geala 48c Anart buidhe (36 oirlich a leud) 3c an t-slat. Flannelette 5c. 7c. 9c. & 10c. an t-slat. H. H. SUTHERLAND & CO. Air Seann Larach Thormaid Dhomhnullaich. A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle THA AGAINNE Cotaichean agus Colairean Bein, Tha toil againn an Creic, Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean. J. C. MILLS. Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 238] [Vol. 8. No. 30. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 235.) Amgiad, an t-ard-chomhairleach, gu’n robh e mar chleachdadh aig luchd-aoraidh an teine Mahomedanach iobradh a’ h-uile bliadhna air a’ bheinn theine, agus ghabh e amhrus gu ’m faodadh gu’n d’ fhuair iad greim air Asad a bhrathair gus a thoirt suas mar iobairt. Chuir e roimhe gu’n rannsaicheadh e an long mu’n seoladh i. Thug e ordugh an luchd-turuis agus na seoladairean a thoirt ’na lathair, agus dh’ aithn e dhaibh an long a rannsachadh gu mion. Ged a rinn iad so cha d’ fhuaradh Asad; oir bha e air ’fhalach gu math. An uair a chaidh an t-ard-chomhairleach gu tir, sheol an long, agus cho luath ’s a sheol iad, dh’ ordaich Behram, an sgiobair, Asad a thoirt as a’ chiste, agus a cheangal gu math le geimhlean air eagal gu’n leumadh e bhar buird o’n bha fhios aige gu’n robh e gu bhith air ’iobradh. Bha soirbheas fabharach gu leor aca fad da latha, ach na dheigh sin sheid a ghaoth ’nan aghaidh, agus mu dheireadh thainig stoirm mhor. Agus bha an long air a fuadach air falbh gus mu dheireadh an do chaill iad an cursa gu buileach. Cha robh fhios aig an sgiobair no aig neach eile a bh’ air bord c’aite an robh iad. Thug iad an aire gu’n robh iad dluth air fearann, agus gu’n robh an cladach anabarrach ard, agus fiadhaich, agus bha iad air an clisgeadh gu’m biodh an long air a bristeadh air na creagan. Thug iad an aire mu dheireadh gu’n robh iad air am fuadach do’n acarsaid aig an robh ceanna-bhaile na rioghachd aig banrigh Margiana. Agus chuir so doilghios mor air Behram. Bha Margiana gle eudmhor air taobh na Mahomadanach, agus air an aobhar sin, bha naimhdeas mor aice do luchd-aoraidh an teine. Cha leigeadh i le duine dhiubh, no le luing sam bith a bhuineadh dhaibh, a bhith anns an rioghachd aice, no dhol a steach do’n acarsaid. Cha robh e an comas do Bhehram an acarsaid a sheachnadh gu’n an long a chur air na creagan a bha mor thimchioll a’ chladaich. An uair a bha e mar so ’na eiginn, chuir e a chomhairle ris na seoladairean feuch ciod bu choir dhaibh a dheanamh. “Tha sinn ann an eiginn mhoir, ’illean,” ars’ esan, “feumaidh sinn roghaiun a dheanamh a dh’ aon de’n da ni so, an dara cuid a bhith air ar grad bhathadh, ar neo a dhol a steach do’n acarsaid aig banrigh Margiana. Tha fhios agaibh gu’m bheil fuath mor aice do gach neach a bhuineas do ar n-aidmheil-ne. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gu ’n gabh i greim air an luing, agus gu’n cuir i gach aon dhinn gu bas. Cha ’n ’eil mi ’faicinn gu ’m bheil againn ach an aon doigh air faighinn as a lamhan, agus is e sin, am Mahomedanach a th’ againn air bord fhuasgladh, agus deise seirbhisich a chur uime. An uair a bheirear mise an lathair na banrigh, agus a dh’ fheoraicheas i dhiom ciod a tha mi reic, their mi rithe gu bheil mi reic sheirbhiseach, agus gu’n do reic mi iad uile ach an aon fhear a tha agam ’na chleireach, a chionn gu’n teid aige air sgriobhadh is leughadh a dheanamh. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gu’n iarr i ’fhaicinn; agus o ’n a tha e ’na dhuine og, maiseach, agus dhe ’n aon aidmheil rithe fhein, gabhaidh i truas dheth. Cha ’n ’eil teagamh nach iarr i a cheannach uam, agus mar so leigidh i dhuinn fuireach anns an acarsaid gus an teid an t-side na ’s fhearr. Ma ’s aithne do aon dhibh doigh a’s fhearr na so air faotainn as a lamhan, tha mise deas gus eisdeachd ribh.” Chord na thubhairt e anabarrach math ris na seoladairean, agus dh’ aontaich iad uile gu’n deanteadh mar a bha ’n sgiobair ag radh. Thugadh na geimhlean bhar lamhan is casan Asaid, agus chuireadh aodach uime mar a fhreagradh air cleireach a bhiodh aig banrigh. Mu ’n gann a rinneadh so, bha’n long a dol a stcach do’n acarcaid agus leig iad am mach an t-acaire. Bha’n luchairt aig banrigh Margiana faisge air a’ chladach, agus bha ’n lios a bha air beulaobh na luchairt a’ ruighinn a chladaich. Chunnaic i an long aig acaire, agus ghrad chuir i fios air an sgiobair gus a dhol far an robh i. Bha i ’g a fheitheamh anns a’ gharadh an uair a chaidh e gu tir. Bha Behram cinnteach gu’n cuireadh i fios air, agus an uair a chaidh e gu tir, thug e Asad leis. Thug e air aontachadh leis a h-uile facal a theireadh e fhein, agus a radh, gu’n robh e ’na chleireach aige. An uair a thugadh an lathair na banrigh e, leig e e-fhein ’na shineadh air a beulaobh, agus dh’innis e dhi gu’n robh an stoirm cho mor ’s gu’m b’fheudar dha ’dhol a steach do’n acarsaid; gur ann a’ reic sheirbhiseach a bha e; agus gu’n do reic e iad uile ach an aon fhear a bh’ aige an sid, agus a bha e ’cumail mar chleireach. Chord coltas Asaid ris a’ bhanrigh cho ’luath ’s a chunnaic i e, agus bha i anabarrach toilichte an uair a chual’ i gu’m bu sheirbhiseach e. Chuir i roimpe gu’n ceannaicheadh i e, ciod sam bith na dh’ fheumadh i phaigheadh air a shon. Dh’ fhaighneachd i dheth c’ ainm a bh’ air. “A bhanrigh mhor,” ars’ Asad, ugus e ’sileadh nan deur, “an e an t-ainm a bh’ orm roimhe, no an t-ainm a th’ orm an drasta ’tha sibh a faighneachd?” “Am bheil da ainm ort?” ars’ a’ bhanrigh. “Mo chreach! tha e fior gu leor,” ars’ Asad. “Bha Asad (ro shona) mar ainm orm an toiseach, agus is e m’ ainm a nis Motar (gu bhith air m’ iobradh).” Cha do thuig Margiana brigh na freagairt so, oir shaoil i gu’m b’ann a BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 239] [Vol. 8. No. 30. p. 7] chionn gu’n robh e air a reic mar sheirbhis a fhreagair e mar sid i. Ach dh’ aithnich i gu’n robh e gle gheur-chuiseach. “O ’n a tha thu ’nad chleireach aig an sgiobair, cha’n ’eil teagamh nach dean thu deagh sgriobhadh. Leig fhaicinn dhomh do lamh-sgriobhadh,” ars’ ise. Thug Behram peann is inc is paipear do dh’ Asad, mar dhearbhadh gu’n robh e ’na chleireach aige, agus a chum gu’n creideadh a’ bhanrigh gu m b’ e cleireach a bh’ ann. Thug Asad ceum a thaobh, agus sgriobh e mar a leanas:— “Seachnaidh an dall a’ chlaise anns an tuit na daoine aig am bheil fradharc. Gheibh na h-amadain urram dhaibh fhein le briathran anns nach eil brigh sam bith, am feadh ’s a tha daoine tuigseach, deas-bhriathrach ann am bochdain, agus ann an dimeas. Tha am Mahomedanach le ’chuid saoibhreis ann an truaighe. Tha ’n t-as-creidmheach a buadhachadh. Cha ruig sinn a leas duil a bhith air atharrachadh; dh’ ordaich an t-Uile-chumhachdach gu’m biodh so mar so.” Thug Asad am paipear do’n bhan-righ, agus chord a lamh-shriobhaidh, agus brigh nam briathran rithe anabarrach math. Dhuisg faireachdainean graidh ’na cridhe dha, agus bha truas mor aice ris. Cha bu luaithe a leugh i e na thuirt i ri Behram, “Dean do thoil; an darna cuid reic rium an seirbhiseach so, ar neo thoir dhomh a’ nasgaidh e. Is docha gur e thoirt dhomh a’ nasgaidh gnothach bu ghlice dhut.” Fhreagair Behram i gu mimhodhail, agus thuirt e rithe nach tugadh e dhi Asad aon chuid ri ’cheannach, no a’ nasgaidh; gu’n robh feum aige fhein air a sheirbhiseach, agus gu’n cumadh e aige fhein e gun taing dhi. An uair a chunnaic Margiana cho dalama ’s a bha e, cha bhruidhneadh i tuilleadh ris mu ’n chuis. Rug i air ghairdean air Asad, agus thug i leatha e do’n luchairt. Chuir i fios gu Behram gu’n tugadh i uaithe gach ni a bh’ aige air bord, agus gu’n cuireadh i an long ’na teine mur grad fhalbhadh e as an acarsaid. Mar so b’fheudar dha falbh agus deanamh deiseil gus a dhol gu muir an oidhch’ ud ged a bha ’n stoirm ann. (Ri leantuinn.) THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Foghair us Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 240] [Vol. 8. No. 30. p. 8] Marbhrann do Pheata Columain. LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR. ’S tursach mo sgeul ri luaidh, ’S gun chach ’g ad chaoidh; Mu bhas an fhir bu leanbail tuar, ’S bu mheanbh ri chlaoidh. ’S oil leam bas a’ choluim chaoimh, Nach b’ anagrach gnas, A thuiteam le mada do’m beus Dobhran nan carn. ’S tu ’s truaigh’ leinn de bhas nan ian, Mo chradh nach beo, Fhir a b’ iteagach, miotagach triall, Ge bu mheirbh do threoir, B’ fheumail’ do Noah na cach, ’N am barcadh nan stuadh; Bu tu ’n teachdair’ gun seacharan da, ’N uair thraigh an cuan. A dh’ fhidreachdainn an d’ fhalbh an tuil, Litir gach fir; Dughall a’s Colum gu’n ’chuir, Deagh Noah thar lear. Ach chaidh Dughall air seacharan-cuain, ’S cha do thill e riabh; Ach thill Colum le iteagaich luath, ’S a fhreagradh ’n a bhial. Air thus, cha d’ fhuair e ionad d’ a bhonn A sheasadh e ann; Gus ’n do thiormaich dile nan tonn Bharr mullach nnm beann: ’S an sin, a litir-san leugh an duine bha glic, Gu’n ’thiormaich a’ bhailc, ’S gu ’m faigheadh a mhuirichinn cobhair ’n an teirc’ Agus fuasgladh ’n an airc. Le neart cha spuilteadh do nead, Ged a thigteadh gu d’ shlad; Bhiodh do chaisteal fo bhearraibh nan creag, Ann an daingnichean rag. Bha do mhodh-siolaich air leth bho chach, Cha togradh tu suas, Ach a’ durraghail an taice ri d’ ghradh, Cur cagair ’n a cluais. Cha do chuir thu duil an airgiod no ’n spreidh, No ’m feist am biodh sugh, Ach spioladh a’s criomadh an t-sil le d’ bheul, ’S ag ol a’ bhuirn. Aodach no an anart, sioda no srol, Cha cheannaicheadh tu ’m buth; Bhiodh d’ eideadh de mhin iteacha gorm, Air nach druigheadh an druchd. Cha do ghabh thu riabh paidir no creud A ghuidhe nan dul; Gidheadh, cha’n ’eil d’ anam am pein, Bho ’n a chaidh tu null. Cha’n e, gun chiste gun anart Bhi comhdach do chre, Fo lic anns an uir, Tha mise, ge cruaidh e, ’n diugh ’g acain gu leir, Ach do thuiteam le cu. Moladh do ’n Ghaelig ’s do ’n Phiob-Mhoir. LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T-SAOIR. Innsidh mi sgeul araid dhuibh, Air canain a’s air ceol Rogha na deas Ghaelig, ’S i is fearr gu innseadh sgeoil; A chainnt is lionmhor pairtean, ’S is millse manran beoil, Gu freagarrach, deas-labhrach, ’S i ard-chuiseach gu leoir. ’S i chainnt a bh’ aig ’na righrean D’an robh ’n rioghachd so ’na coir, ’S i bruidhinn dhiuc, a’s iarlachan, ’S i dh’ iarradh iad mu’m bord; ’S i bh’ aig na daoin’-uaisle, ’S a gheibht aig an tuath choir; ’S i bha, ’sa tha, aig buachaillear, A’ cuartachadh nam bo. ’Nuair a sgoil na cinntean Aig Tur an ainmhreidh mhoir, Fhuair a’ Ghaelig maighstireachd ’S an am sin thar gach seors’; Gur i is fearr gu teangaireachd, Tha ’n ceann aon neach tha beo, Geur, soilleir, fonnmhor, oranach, An seomraichean an oil. ’S lionmhor urram laidir Fhuail a’ Ghaelig air gach seol, ’S i rinn a’ cheud Sacramaid, Do’n phap a bha ’san Roimh; ’S i th’ aig cleir an aite so, Gach la toirt comhairl’ oirnn’; Gaol filidh a’s luchd-dana, Chainnt nadarra gun gho. ’S i fhuair sinn o na parantan A rinn ar ’n-arach og, ’S i bu mhath leinn fhagail Aig an al a tha teachd oirnn; Tha h-uile car a dh’ innsinn oirr’; A cur a’ pris a’ moid, Gur i chainnt is brioghora— ’S i phiob is fearr gu ceol. A phiob ur so thainig do ’n bhaile. A dh’ fhaotainn urram, ’S i ceann inneal-ciuil an fhearainn, ’S na duthch’ uile; Le meoir lughmhor air a crannaibh, ’S le dlu bhuillean, ’S ard a chluinnt i, ’s binn a langan, ’S grinn a cumachd. Tha dosan le iobhraidh ballach, Cochull do’n t-sioda ma muineal, ’S osgara, dionach, a callan Air thoiseach mhiltean air thuras; Brosnachadh riogheil na carraid, An cabhaig, ’san stri nan cumasg, Cha bhi sprochd ’san tir am fan i, Is fortanach an ti g’am buin i. Is deo-greine leis an luchd-ealaidh Tha ’n Albainn gu leir ’san Lunnainn A’ phiob is math gleus, a’s gearradh, Laidir, fallain, eutrom, ullamh; ’S mor an t-eibhneas i ga leannan, Bhi aige na sgeith ga cumail. Fonn-cheol reidh a cre na h-ainnir, Beusan glana na treun chulaidh. ’S e cheud cheol a bh’ air an talamh, A’ phiob-mhor is boidhche guileag, ’S i bh’ aig Fionn, aig Goll’s aig Garadh, Ann an talla nan laoch fuileach; ’S mairg a chiteadh air seol calla, Caismeachd chaithriseach nan curaidh, Mhosgladh i le seid d’a h-aineal, Gu feum ealamh, an Fheinn uile. Mo ghibht phriseil gun a ceannach, Tha’n coi-thional so air chumail, Breitheachan dileas g’an tarruinn, A ni ceart an fhirinn uile; Gheibh gach fear a reir na h-ealaidh Anns am bi e-fein na urrainn; ’S tha e saor aig math-an-airidh, A’ phiob fhaotainn thar gach duine. Cha’n eil teagamh nach eil aireamh de ar luchd-leughaidh a gabhail fadachd nach eil iad a faotainn fiosan freagairt do litrichean a chur iad air adhart, agus a gabhail iongantais nach ’eil am paipear ’gan ruigheachd buileach cho riaghailteach ’sa b’ àbhaist. ’Se ’s coireach ri sin am fear-deasachaidh a bhi ’na laidhe tinn o chionn còrr us coig seachdainean. Tha e nise ’dol gu math am feobhas, agus an ceann seachdain no dha eile, tha dòchas aig bhi comasach air frithealadh d’a obair mar a b’ àbhaist. Reic a mach bathair na’s saoire na chosd e aig H. H. Sutharlan & Co. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. THA MI ’G IARRAIDH DITHIS NIGHEAN,—aon gu bhi ’na bana-chocaire, agus aon gu bhi cuideachadh nighinn eile ri obair-taighe. MRS. C. A. MEISSNER, Colby Lane, Sydney, C. B jan 12—tf Chaidh iasgair a mhuinntir Cheap Breatunn, fear Seoras Friseal, a bhàthadh air na Grand Banks o chionn ghoirid. [TD 241] [Vol. 8. No. 31. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 9, 1900. No. 31. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. VI. Tha mi ni ’s anamoiche gun tighinn na bha dùil agam; ach o’n is oidhche Shathurna ’th’ ann, tha toil agam fios ’fhaotainn am bheil a staigh agaibh de bhiadh na dh’ fhòghnas gu Di-luain,” arsa Muruchadh. “Tha againn na dh’ fhòghnas dhuinn de ’n t-seòrsa ’th’ ann—buntata is salann;—an corr bìdh cha’n ’eil fo na cabhair so. Ach tha aobhar againn a bhith taingeil fad ’s a bhios sin fhein againn. Gun teagamh sam bith, bha sinn mar bu trice cleachdaidh ri biadh a b’ fhearr fhad ’s a bha am fear nach maireann air chomas cosnadh a dheanamh. Ach o’n a thugadh esan uainn feumaidh sinn cur suas le cùisean mar a thig iad. Mar a tha am facal ag radh, ‘Cha bhi am feumach, ailleasach.’ Tha ’chlann glé shlàn, fallain, agus o’n a tha gèireag mhath orra air son am bìdh, cha chuir iad cùl ri biadh sam bith a gheibh iad,” arsa bhantrach. “C’ar son nach d’ innis thu dhomhsa an uair a bha thu thall an diugh gu ’n robh do thaigh cho falamh de bhiadh ’s a tha e? Bha e ’n am bheachd ceisd a chur ort mu’n chùis; ach eadar a h-uile bruidhinn a bh’ eadrainn chaidh e as m’ aire. Bidh sibh beò gun teagamh sam bith air buntata is salann; ach is e beò bochd a bhios ann. Anamoch ’s mar a tha e ’s an oidhche, is ann a chuireas tu Domhull air falbh comhladh rium fhein, agus bheir e nall beagan a chuireas seachad an latha ’màireach. O’n is e am màireach Di-domhnaich Càsg, cha bu mhath leam do thaigh a bhith gann de bhiadh. Ma ’s ann no nach ann air co-ainm an latha ’màireach de ’n mhios agus de’n bhliadhna a dh’ éirich Criosd o staid na marbh, tha fios againn gu ’n dh’ éirich e; agus, mar sin, tha e iomchuidh gu leòr dhuinn cuimhne a chumail air an latha, agus, ma theid againn air, biadh a’s fhearr na b’ àbhaist duinn a ghabhail. “Ma ta, ’Mhuruchaidh, o’n a thàinig agaibh air bruidhinn air, is ann air sin a bha mi ’smaointean an uair a thàinig sibh a steach. A bhliadhna gus am màireach bha sinn gu slàn, fallainn, taingeil, toilichte, mu ’n bhòrd, agus cha robh dùil sam bith againn gu’m biodh cùisean an diugh mar a tha iad. Cha robh éis bìdh no aodaich oirnn, agus bha sinn glé riaraichte leis an staid anns an robh sinn. Ach dh’ fhalbh sin agus thàinig so. Tha na bheil a’ làthair dhinn slàn gu leòr, ach tha eagal ormsa nach ’eil mi fhein cho riaraichte ’s cho tàingeil ’s bu chòir dhomh a bhith. Tha mi ag iarraidh air Dia mo dheanamh tàingeil, riaraichte; ach o’n a tha ’n t-uallach a th’air mo ghuaillean ni ’s truime na bha e riamh roimhe, tha mi ’g am fhaireachadh fhein glé neo-shocrach ’n am inntinn. Tha iomadh teagamh is cùram ag éirigh suas fa chomhair m’ inntinn gun fhois.” “Cha ’n ’eil e cur ioghnaidh sam bith orm cùram a bhith ort. Dh’ ordaich Dia dhuinn gu’m biodh tomhas de chùram oirnn m’ ar timchioll fhein, agus mu thimchioll ar teaghlaichean; ach thoirmisg dhuinn ro-chùram a bhith oirnn. Is e am màireach latha ’n Tighearna. A nis, thoir thusa fa near na briathran a labhair an Tighearna ruinn:—‘Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na bitheadh ro-chùram oirbh mu thimchioll bhur beatha, ciod a dh’ itheas no dh’ òlas sibh; no mu thimchioll bhur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a bheatha na ’m biadh, agus an corp na ’n t-aodach? Amhaircibh air eunlaith an adhair: oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlibh: gidheadh tha bhur n-Athair nèamhaidh-sa ’g am beathachadh. Nach fhearr sibhse gu mòr na iadsan? Agus cò agaibh le mòr chùram is urrainn aon làmh-choille a chur ri’ àirde fhein? Agus c’ar son a tha sibh ro chùramach mu thimchioll bhur culaidh? Foghlumaibh cionnus a tha na lilighean a’ fàs ’s a’ mhàchair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad. Gidheadh tha mise ag ràdh ribh, nach robh Solamh fhein ’n a uile ghlòir air eudachadh mar aon diubh so. Air an aobhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feòir na macharach, a tha’n diugh ann, agus am màireach air a thilgeadh ’s am amhuinn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh.” Mata vi. 25-30. “Gabh beachd le cùram mar an ceudna air na briathran so a sgrìobh an t-Abstol Pol a dh’ ionnsuidh nam Philipianach:—‘Na bitheadh ro-chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì, le ùrnuigh agus asluchadh, maille ri breith-buidheachais, bitheadh bhur n-iarrtuis air an deanamh aithnichte do Dhia. Agus coimhididh sìth Dhe, a tha thar gach uile thuigse, bhur cridhe agus bhur n-inntinn ann Iosa Criosd.’ Phil. iv. 6-7. “Dh’ fhaodainn tuilleadh de bhriathran na fìrinn ainmeachadh dhut; ach ma ghabhas tu gu cùramach beachd air na briathran so fhein, bheir iad misneach dhut. Is ann a dh’ ionnsuidh facal Dhé a tha coir againn air tionndadh aig àm na trioblaid agus a’ bhròin. Tha aobhar eagail nach ’eil daoine ann an àm na trioblaid a’ leughadh na fìrinn cho tric ’s bu chòir dhaibh.” Fhad ’s a bha Muruchadh a’ labhairt, bha ’bhantrach ag éisdeachd ris le mòr aire. An uair a sguir e labhairt rithe, thug i mòran tàing dha, araon air son mar a chaidh e dh’ fheòraich an robh biadh gu leòr aice ’s an taigh, agas mar an ceudna air son na misnich a fhuair i o na fìrinnean priseil a thug e fa chomhair a h-inntinn. Ged a bha i cho eòlach anns an fhìrinn ri iomadh te dhe seòrsa, gidheadh bha i cho làn de bhròn ’s de dhragh inntinn ’s nach tigeadh briathran misneachail sam bith a dh’ ionnsuidh a cuimhne. Dheonaich i Domhull a leigeadh air falbh comhladh ri Muruchadh a dh’ iarraidh nan nithean a bha e gus a chur uice air son na Sàbaid. Thuirt Muruchadh rithe gu ’n cuireadh e Domhull pìos de’n ratha dhachaidh, o’n a bha e cho anamoch air an oidhche, nam biodh eagal air. Air a rathad air ais a dh’ ionnsuidh an taighe, thug Muruchadh greis air comhairleachadh Dhomhuill. Thuirt e ris e bhith glic, agus a bhith umhail d’a mhàthair. Gheall Domhull gu ’n deanadh e mar a bha Muruchadh a’ comhairleachadh dha. An uair a ràinig iad an taigh, thuirt Muruchadh ris a mhnaoi, “Eirich, a bhean, agus thoir do Dhomhull na chuireas seachad an latha màireach de na nithean a’s fhearr a th’ agad a staigh. Ma tha aran gu leor agad deas, thoir dha rud dheth; ach mur ’eil, thoir dha beagan mine, agus fuinnidh a mhathair i an nochd fhathast.” Ged a theireadh cuid de na coimhearsnaich gu’n robh bean Mhuruchaidh cruaidh, spiocach, cha b i an fhirinn a bh’ aca. Bha i cunntach, cùramach, faicleach gu leòr m’ a cuid; ach bha i còir, caoimhneil gu leòr ri daoine bochda, agus ri luchd-falbh is tighinn. Ged nach robh i cho aoidheil ’s cho fosgarra ri Muruchadh, bha i a’ cheart cho math cridhe ris. Bha ainm aig Muruchadh a bhith ni bu chòire na ise; ach dh’ fhaoidteadh mòran de thaing sin a thoirt oirre-se. Bu tric a chuir i ’n a chuimhne, gu ’m bu chòir dha cuideachadh a thoirt do na daoine bochda, feumach a bha tighinn rathad an taighe. Cha bu luaithe a dh’ iarr Muruchadh oirre éirigh agus cuideachadh a thoirt do ’n bhantraich na bha i air a bonn, agus thug i tabhartas math de gach nì a b’ fhearr a bha staigh do Domhull mac na bantraich, comhladh ri rud a dh’ itheadh e roimhe a’ falbh dhachaidh. Ged a thairg Muruchadh a dhol greis de’n rathad le Domhull, ach dhiult e an tairgse. Ged nach robh e ach na deich bliadhna, cha bhiodh fiamh no eagal air ged a bhiodh aige ri dhol air astar dheich mìle ann an dubh a’ mheadhain oidhche. Bha e cho math do Mhuruchadh nach d’ fhalbh e greis de’n rathad leis; oir bha e cho luath ri fiadh a’ falbh dhachaidh. An uair a ràinig e, bha ’chuid eile de ’n chloinn air a dhol a chadal. Rinn a mhàthair aon deisealachd a bh’ aice ri dheanamh air son na Sàbaid. An uair a bha gach ni deas, lùb i a glùinean aig taobh na leapadh, agus chuir i suas ùrnuigh ri Dia cho dùrachdach ’s a rinn i riamh ’n a beatha. Thog na briathran a labhair Muruchadh rithe ás an fhirinn, mòran de’n dragh ’s de’n chùr am bhar na h-inntinn aice. Thuig i ni b’ fhearr na rinn i riamh roimhe, gu’n robh cùram mòr aig Dia de gach creutair a chruthaich e. Rùnaich i gu ’n tugadh i i-fhein suas do Dhia le a h-uile chridhe, agus gu ’n cuireadh i a h-earbsa gu buileach ’n a fhreasdal. Thàinig mòran de na chual’ i mu thimchioll gràdh an Fhir-Shaoraidh fa chomhair na h-inntinn aice. Mu ’n do thuit i ’na cadal, thainig na h-earrannan a leanas gu a cuimhne:—“Ma tha Dia leinn, cò ’dh’ fhaodas a bhith ’n ar n-aghaidh. An Ti nach do chaomhain a Mhac fhein, ach a thug thairis e air ar son-se uile, cionnus maille risan nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithean? Cò a sgaras sinn o ghradh Chriosd? An dean trioblaid, no amhghair, no geur-leanmhuinn, no gorta, no lomnochduidh, no cunnart, no claidheamh?” Rom. viii. 31, 32, 35. [TD 242] [Vol. 8. No. 31. p. 2] An àm dhi a bhith ’beachd-smaoineachadh air na briathran so, thuit i ann an trom chadal, agus bha ’ghrian air éirigh fada mu ’n do dhùisg i. Chuir, i fhein ’sa teaghlach seachad Di-domhnaich Càsg ni bu toilichte ’s ni bu tàingeile na iomadh teaghlach a b’ fhearr suidheachadh na iad. (Ri leantuinn.) Comhradh. EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH. Cuairtear.—Gu’m meal thu do bhiorraid, ’Eachainn! Eachann.—’Ni ’n ad, le’r cead? an sgùlag gun sgoinn, ’s mi tha seachd sgìth dh’i—an t-aon chòmhdach-cinn a’s miosa chaidh riamh air duine, cha ’n urrainn mi mo cheann a leagail air leabaidh no air uirigh, air tom no réidhlean leatha. Cha b’ ionnan ’s a’ bhoineid ghorm—cho blàth, sheasgair, cheanalta mu m’ cheann ’s ged bu churrachd-oidhche ’bh’ innte; dh’ fhaodadh duine a pasgadh fodha no r’a thaobh, seach a bhi ’g altrum na biorraid so mar naoidhean air glùn duine anns gach àite ’n suidh e. Tubaist oirre! nach fhaic sibh an comharadh a dh’ fhág i air mo bhathais, mar gu’m biodh mo cheann air a chearcall uachdarach a thilgeadh; ach nach e so an latha gaillionnach, gailbheach? Ubh, ubh! ’s e ’n cur ’s an cathadh e—’s fhad o’n a chunnaic mi a leithid air là Fhéill-Brìde. Cuair.—Tha sin nàdurra, ’Eachainn, an sneachda geal ’an ám dùdlachd a’ gheamhraidh. Each.—Tha ’n geamhradh seachad; ach sneachda geal! ’eudail ’s a ghràidh, cha b’ann ’s a’ bhaile-mhòr a chìte e—ach an sneachd’ odhar, lachdunn; agus cha’n aithne dhomh ni a’s gràinde na sneachda salach. Cha b’ ionann ’s mo shneachda glan, cho àillidh gheal ri ite na faoilinn, a’ boillsgeadh ’s a’ dèarrsadh ri gathaibh na gréine, mar gu’m biodh cur ’us cathadh ann de na daoimeanan, no de’n chriostal a bu loinnearaiche, ’s a bu cheutaiche. Cuair.—Ro mhaith, ’Eachunn! Cha b’ urrainn Donnachadh Bàn nan òran labhairt na b’ fhèarr—ach ge dona sneachda ’s a’ bhaile mhòr is seachd uairean na’s mios’ e ’s a’ Ghàidhealtachd. Tha Ghàidhealtachd maith na’s leòir fhad ’s a dh’fhuireas a’ Chuthag innte; ach an latha dh’fhàgas ise i ’s e ’m baile-mòr a’s fhearr. Each.—A’ Chuthag! An òinseach bhochd; gu dearbh ma’s ann uaipe-se tha sibh a’ dol a tharruing ’ur gliocas ’s mithich an Cuairtear a chur ’an làimh eile. A’ Chuthag, an trusdar! nach do shuidh riamh leth-uair an uaireadair air an aon tom. Cuair.—Ma ta, ’Eachainn, ’s coma leam fhéin a’ Ghaidhealtachd ’an àm a’ gheamhraidh; ’s fuar, mi-thaitneach i ’n àm gaillinn shneachda mar tha ann an diugh fhéin—air am folach o’n t-saoghal mhòr; air an tachdadh le toit—gun sùgradh, gun mheadhail—a’ bhean, mo thruaighe! a’ snìomh air a’ chuibhil le crònan brònach—an duine a’ miananaich, ’s a’ casadaich, ’s a’ tachas a’ chinn—na pàisdean a’ trusadh bhioran—an t-uircean a’ sgreadail—an gamhainn caisionn a’ geumnaich aig ceann an tighe—na leanaban, an cù, ’s an cat a’ stri cò a’s dlùithe gheibh do’n ghealbhan, ’s b’ e sin an droch theine—a’ phoit bhuntàta crochta thairis air leth an latha, gun uiread agus balg-séididh, ach an gille bàn agus Seònaid ’g a shéideadh, agus pluic gach aon diubh mar phluic pìobaire. Coma leam e! Each.—Am bheil sibh réidh? Air m’ fhocal is sibh a leig ruith do ’r teangaidh; cha’n ìoghnadh leam ach sibhse—ach éisdibh rium, cha’n fhaca mi riamh ann am baile-mòr, ’s cha ’n fhaic, àm cho subhach, shuilbhearra, chridheil, ’s a chunnaic mi ’s a’ Ghàidhealtachd ’an àm gaillinn agus sneachda. Mo chreach! is mise ’chunnaic sin—tha barrachd fearas-chuideachd, ’us sùgraidh, ’us eòlais, ’us caoimhneis a’ dol air aghaidh ’s a’ Ghàidhealtachd ’an àm a’ gheamhraidh na ’an àm a’ chéitein fhéin. Cuair.—Fhalbh, fhalbh! ’Eachainn, tog dheth. Each.—Cha tog mi dheth—’s mi nach tog. Am na gaillinn! sin agaibh àm a’ chridhealais—hùg air na sùisdean! na sgalagan a’ cur dhiubh—na cailean a’ crathadh an fhodar ’s a’ deanamh nam boitean—na buachaillean le sìoman connlaich mar chrios m’ an timchioll, cuaille ’mòr bata ’n an làimh, eallach de sguaban beaga, tioram air an druim, an crodh seasg a’ geumnaich ’n an déigh ’s iad ’g an saodachadh gu fasgadh, na h-eich a’ greasad dhachaidh, na mucan a’ sgriachail le sop ’n an craos a ruith do ’n chrò, na h-eòin bheaga, bhuidhe, bhòidheach, sgaoth air muin sgaoithe ’g itealaich mu na dorsan, ’s na balachain le ridil ’s le gaoisnean ag iarraidh an ribeadh. ’S ann an sin a tha ’m fire, faire! h-uile aon ’n a chabhaig ’s am feasgar a’ tighinn. Ach ciod so a thachair? Na balachain ’n an ruith ’s iad a sgàineadh le gàireachdach—Alastair mòr an déigh dol fodha ann an cuithe shneachda, ’s iad ’g a shlaodadh as, agus gach madadh ’s a’ bhaile ’s an tathunnaich timchioll air. Ach cò eile ’chì sinn a’ tighinn le ’abhagan beaga ’n a dhéigh, a’ feadaireachd ’s a’ gearradh leum? Ailein nan òran! Faic mar tha ’n òigridh ’g a fhàilteachadh—cò ’dhiùltadh dha cuid na h-oidhche?—’S an uair a thigeadh an t-anmoch b’iad sin a’ chòisridh chridheil, shunndach! Cha b’ e ’n crùban bochd mar a th’ agaibh ’an so ’am mullach tighe—Eirionnaich ’s an dara ceann, ’s fiabhrus ’s a’ cheann eile. Agus b’ e sin an gealbhan cridheil—na caorain chruadha, thioram o chùil na mòine—na maidean caoin’ spreadhadh gu cridheil—a’ ghreideal air an t-slabhraidh—na breacagan eòrna ’g am fuine le farum sùrdail—crùisgein ’an sud ’s ’an so—am buachaille mòr a’ cur chearcall air a’ chuaich bhleodhain—an sgalag a’ deanamh sgùlaig—am buachaille beag a’ deanamh camain—na cuibhlean a’ falbh le srann fhonnmhor—Ailein nan òran a’ cur dheth—a’ phoit chabhrach a plubartaich air an teine. Na cluinneam sibh a’ ruith sìos na Gàidhealtachd. A righ! cha b’ ionann ’s am baile-mòr, a tha maith na’s leòir fhad ’s a sheasas an t-slàinte agus comas cosnaidh; ach an latha dh’ fhalbhas sin, tha’n t-uisge air thoirt o’n mhuileann, ’s cha bhi bleith no rath. O! gleadhraich a’ bhaile-mhòir so, agus toit a’ bhaile-mhòir so, agus a’ chabhag—a h-uile aon ’n a ruith ’s ’n a dheann-ruith, mar gu’m biodh iad uile air tòir bean-ghlùine! Ach innsibh dhomh ciod a tha ’dol air aghart a thaobh imrich do dh’ America. Cuair.—Tha anabarr dhaoine ’dol thairis do Chanada, ’s do chèarnan eile ann an America mu Thuath, air am bonn fhéin; ’s cha’n eagal doibh ma ghleidheas iad an slàinte. Tha iadsan a chaidh thairis a’ dheanamh gu gasda; ach cha’n ’eil an naidheachd é Australia cho maith ’s a bu mhiann leam. Each.—’S mi tha ’g a chreidsinn. Cha do theò mo chridhe riamh ris an àite sin fhéin. Bha tuilleadh ’s a’ chòir air a ràdh as a leth. Cha b’ urrainn dhoibh-san a bha ’dol ann soirbheachadh—a h-uile fear nach deanadh gu maith aig an tigh—gach sleomair air nach robh rath ’n a dhùthaich fhéin, a b’ urrainn fead a dheanamh. Cò ach esan! Ar leis gu’n robh Australia air a chruthachadh air a shon-san. Feadhain nach do chuir boinne falluis diubh riamh ’n an dùthaich fhéin, mur d’ rinn iad e a’ dannsadh ’s a camanachd—spag luinnich amaideach nach crathadh ultach feòir ris a’ ghréin gun làimhnean leathraich orra. Ach coma cò dhiubh, tha iad ag ràdh riumsa gu’n d’ thàinig an spagluinneachd so gu làr—gu’m faicear leth-dusan de na fleasgaich sin ’n an suidhe taobh an tuim, le aon spàin eatorra—a’ cadal ’s a’ phreas, gun dad ach craicionn coin thairis orra—’s a’ falbh cas-ruisgte air feadh nam monaidhean mòra. Cha b’ urrainn na b’ fhèarr tachairt. Australia! tìr an àigh, anns am beireadh, ma ’s fìor, caora leth-dusan uan ’s a’ bhliadhna, agus anns an tilgeadh i a rùsg ’an ceann gach ràithe. Cha’n ’eil fhios agam nach cuala mi gu’m biodh uain aig na muilt fhéin ann! Ciod an naigheachd a tha as? Cuair.—Tha gu’n do bhrist luchd an fhortain mhòir—gu’m bheil na caoraich a chost a dhà ’s a trì ’phuinnd Shasunnach ’nuair chaidh an ceannach, a nis air chrùn! Ach thig e uaith so fhathast. Each.—Air m’ fhocal, ’s e so an t-àm do luchd an airgid dol a nunn, ’n uair ’tha’n spréidh cho saor. Ach na ’n leigeadh daoine an spagluinn dhiubh aig an tigh, agus an làmh a chur ris gach ni a thig ’s an rathad, mar is éigin doibh a dheanamh an sud, cha b’eagal nach fhaigheadh iad air an aghart ’s an dùthaich so fhéin, gun dol thairis; oir is fhada o na chuala mi gu’m bheil “adhaircean fada air crodh caillte;” agus mar an ceudna, “am fear a bhios gòrach ’s a’ bhaile bhos, gu’m bi e gòrach ’s a’ bhaile ud thall.” Cuair.—’Eachainn, am faca tu an simileir mòr a tha shuas bráigh’ a’ bhaile, a tha sè ceud troidh na’s àirde na amar na h-aibhne, agus còig ceud gu leth o’n ghrunnd? Each.—’S mi ’chunnaic, ’s b’e sin an simileir mòr da rìreadh. Tha e cho àrd ri tigh anns am biodh trì fichead lobhta, no, mar a their iad ’s a’ Bheurla story. Cha chreid iad mi ann an Tirithe. Cha’n ’eil ach dà chlàrach, no story, ann an tigh a’ Bhàillidh, agus a dhà gu leth ann an tigh a’ mhinisteir; agus a’ bhéist shimileir so trì fichead story, agus deich troidhean air àird’ anns gach aon diubh! Cuair.—An deach’ thu suas gu ’mhullach? Each.—’N e mise! Cha deachaidh ’s cha téid; ach chunnaic mi ’ur càirdean Eòghan Og agus Rob Ruadh a’ dol suas leis a’ chlachair mhòr, Mac-an-t-saoir, ann an creathaill iaruinn, mar gu’m biodh iad gu bhi air an crochadh. ’Nuair a thill na gillean, cò ach iadsan!—a chearta cho bòsdail, moiteil, ’s ged a bhiodh iad air tilleadh o’n dinneir a ghabhail le bodach na gealaich! “Saoil thu, ’Eachainn,” ars’iadsan, “nach d’òl sinne gloine uisge-bhetaha sè ceud troidh os ceann an t-saoghail so!” “’Sann agaibh,” arsa mise “tha ’chulaidh-bhòsd. Gun teagamh sgrìobhar so air ’ur lic ’an déigh ’ur bàis, mar chuimhneachan air ’ur gaisgealachd!” Na bumalairean! bha mise air mullach Beinn-Nibheis, ceithir mìle troidh air àirde. Cruach an àigh! ’s cha b’e simileir mòr an t-salachair, a bhios ’an latha no dhà a’ sgeith ’s a brùchadh a mach sùith ’us gràinealachd a thachdadh Criosduidhean! Ach cha do chuir e iongantas air bith orm na firionnaich a dhol suas; ach ladies! le’n cinn ghogaideach—iadsan a’ dìreadh ’s a’ chreathaill iaruinn a dh’ amharc an t-saoghail! ’S mi nach pòsadh a h-aon diubh. Mo nàire! bu chòir do mhnathan a bhi banail, màlda. Chunnaic mi Màiri mhòr nighean Eachainn a’ streap ’suas gu bàrr croinn ann an Sgairinnis aon uair, ’s cha do bhlàthaich mo chridhe riamh tuilleadh rithe. Ach ’s éigin domh falbh. Mòran taing dhuibh air son ’ur deadh sheanachais. Slan leibh!—Caraid nan Gaidheal. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. [TD 243] [Vol. 8. No. 31. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXIX. Cho luath ’s a chaidh a’ bhanrigh do’n luchairt dh’ ordaich i an t-suipear a dheasachadh; agus am feadh ’s a bha iad a’ deasachadh na suipearach, dh’ ordaich i Asad a thoirt a steach do’n t-seomar anns an robh i. Agus an uair a chaidh e steach, dh’ iarr i air suidhe. Bha Asad toileach i ghabhail a leithsgeil, agus thuirt e, “Cha bhuin e dhomhsa mar sheirbhiseach a leithid sin a dh’urram a ghabhail.” “Ged a bha thu ’nad sheirbhiseach beagan roimhe so, tha thu nis saor,” ars’ a’ bhanrigh. “Suidh laimh rium, agus innis dhomh eachdraidh do bheatha; oir, o na briathran a sgriobh thu, agus o ’n mhi-mhodh a nochd an sgiobair, tha amhrus agam gu’m bheil d’ eachdraidh neo-chumanta.” Rinn Asad mar a dh’ iarr i air; agus ’nuair a shuidh e laimh rithe, labhair e mar so:—“A bhanrigh chumhachdach, tha bhur morachd ceart gu leor an uair a tha sibh a’ smaointean gu’m bheil eachdraidh mo bheatha anabarrach neo-chumanta. Dh’ fhuiling mi uilc agus piantan do-chreidsinn. Thug sibhse, le mor-chaoimhneas, saorsa dhomh o ’n bhas eagalach a bha mi gus fhaotainn. Tha mi fo chomain cho mor dhuibh ’s nach leig mi as m’ aire gu brath e. Ach mu’n toir mi dhuibh mion-chunntas air na truaighean a thachair dhomh—truaighean a chuireas uamhas air gach neach a chluinneas mu’n deidhinn—feumaidh mi an toiseach innseadh cia mar a thainig iad ’nam rathad.” An uair a chuala Margiana so bha i ’miannachadh gu laidir an eachdraidh a chluinntinn. Dh’ innis Asad dhi gu’m bu mhac righ e; agus dh’ innis e dhi mar an ceudna mu a bhrathair Amgiad, agus mu’n dluth chairdeas a bha eatorra o’n oige; mar a thuit am mathraichean ann an gaol orra; mar a thainig orra an luchairt fhagail; mar a dh’ ordaich ’athair an cur le cheile gu bas; an doigh mhiorbhuilich anns an do shabhaladh am beatha; mar a chaill e sealladh air a bhrathair; mar a bha e cho fad air chumail ann am priosan, agus air a phianadh gu mor; agus mar a bha luchd aoraidh an teine ’dol g’ a iobradh air a’ bheinn teine. An uair a chuir Asad crioch air na bh’ aige ri radh, bha ’bhanrigh ann an corruich mhoir ri luchd aoraidh an teine, “A phrionnsa,” ars’ ise, “bha grain agam riamh air luchd aoraidh an teine, ach gus a so, bha mi ann an tomhas truacanta riutha; ach an deigh an droch dhiol a rinn iad ortsa, agus mar a bha iad a’ runachadh do chuir gu bas mar iobairt, bidh mi ri m’bheo tuilleadh a’ cogadh ’nan aghaidh.” Bha i air tuilleadh a radh mur b’e gu’n d’ thainig an t-suipear a steach. Thug i air Asad suidhe aig a’ bhord maille rithe; oir, leis cho maiseach agus cho deas-bhriathrach ’s a bha e, thuit i ann an trom ghaol air. “A phrionnsa,” ars’ ise, “feumaidh sinn ceartas a thoirt dhut ann am biadh ’s an comhfhurtachd an deigh an droch ceartais a bha thu ’faotainn, agus an cruaidh-chas a dh’ fhuiling thu o luchd aoraidh an teine. Feumaidh tu beathachadh math an deigh na dh’ fhuiling thu de dhroch ceartas.” Le briathran dhe ’n t-seorsa so thug i misneach dha aig an t-suipear. Thug i air cuid mhath dhe ’n fhion ol gus spreochain a chur ann. Air an aobhar sin, dh’ ol e barrachd air na bu choir dha. An uair a bha ’n t-suipear seachad, bha toil aig Asad a dhol am mach, agus ghabh e cothrom air a dhol am mach an uair nach robh a’ bhanrigh ’g a fhaicinn. Chaidh e sios do’n chuirt, agus an uair a chunnaic e dorus a’ gharaidh fosgailte, chaidh e steach ann. Leis cho math ’s a bha ’n t-aite ’cordadh ris, bha e greis a’ coiseachd air fheadh. Mu dheireadh thachair fuaran ris, far an do nigh e aodann agus a lamhan gus e fhein urachadh. An sin leig e e-fhein ’na shineadh air an fheur, agus thuit e gu trom ’na chadal. Bha beul na h-oidhche ann, agus bha Behram suidhichte nach leigeadh e leis a’ bhanrigh a bagraidhean a chur an gniomh. Air an aobhar sin thog e an t-acaire, agus bha e fo thrioblaid a chionn gu’n do chaill e Asad. Ach o’n a bha ’n stoirm air a dhol na bu lugha, bha e car toilichte, gu h-araidh a chionn gu’n robh a’ ghaoth bhar an fhearainn, agus mar sin gu’m biodh e na b’ fhasa dha falbh o’n fhearann. An uair a fhuair e an long a thobhadh am mach as an acarsaid leis a’ bhata, mu ’n d’ thug e air bord i, thuirt e ris na seoladairean, “’Illean, na tigibh air bord an drasta. Feumaidh sibh a dhol gu tir a dh’ iarraidh uisge, agus feithidh mise an so gus an till sibh.” Bha na seoladairean a’ gabhail an leithsgeil, ag radh nach robh fhios aca c’aite am faigheadh iad uisge. Thug Behram an aire, an uair a bha e bruidhinn ris a’ bhanrigh, gu’n robh fuaran anns a’ gharadh faisge air a’ chladach. “Rachaibh do gharadh na banrigh,” ars’ esan; “cha ’n ’eil am balla ard, agus theid agaibh air faighinn thairis air furasda gu leor. Tha mios ann am meadhainn a’ gharaidh leis am faod sibh na buideil a lionadh, agus gheibh sibh an t-uisge air bord gun dragh mor sam bith.” Chaidh na seoladairean gu tir far an d’ iarradh orra, agus fhuair iad a steach do’n gharadh furasda gu leor. An uair a rainig iad an t-aite anns an robh a’ mhios chunnaic iad duine ’na chadal air an fheur, agus dh’ aithnich iad gur e Asad a bh’ ann. Bha cuid dhuibh a’ cumail suil air Asad, agus bha cuid eile dhuibh a’ lionadh nam buideal le uisge. Bha Asad cho trom ’na chadal ’s nach cual’ e iad. Cho luath ’s a bha na buideil lan, thog iad leotha iad. Thug iad leotha Asad mar an ceudna. An uair a bha iad dluth air an luing, ghlaodh iad ris an sgiobair, ag radh, “A sgiobair, seid an trombaid, agus buail an druma, tha ’n seirbhiseach againn.” Cha robh Behram a’ tuigsinn cia mar a b’urrainn na seoladairean greim fhaotainn air Asad. Agus o’n a bha ’n oidhche ann, cha robh e ’g a fhaicinn anns a’ bhata. Agus dh’ fheith e gus an deachaidh iad air bord gun fhaighneachd ciod a bha iad a’ ciallachadh. Ach an uair a chunnaic e Asad, bha aoibhneas anabarrach mor air. Gun fheitheamh cia mar a fhuair iad greim air, dh’ordaich e a cheangal gu tearuinte le geimhlein, agus an uair a thugadh am bata air bord, sheol iad air falbh gus a dhol do’n bheinn thei[?] Aig a’ cheart am bha banrigh Margiana, fo eagal mor mu dheidhinn Asaid. An toiseach cha robh dragh mor oirre m’ a dheidhinn ged a chaidh e ’mach, oir bha duil aice a h-uile mionad gu’n tilleadh e steach. An uair a bha i ’gabhail fadachd nach robh e tilleadh, chuir i na searbhantan air falbh feuch am faiceadh iad e. Ach ged a rannsaich iad a h-uile aite, cha d’ fhuair iad e. An uair a thuit an oidhche, chuir i air falbh le lochrainn iad feuch am faiceadh iad e; ach cha ’n fhaca. Mu dheireadh an uair a dh’ fhas i ro imineach, agus a chaill i a foighidin, dh’ fhalbh i fhein air a thoir le soluis. Agus an uair a fhuair i dorus a’ gharaidh fosgailte, chaidh i steach ann, agus choisich i fhein ’s na searbhantan air fheadh gu leir. An uair a bha i ’dol seachad air an fhuaran agus air a’ mheis, thug i an aire do bhroig air an talamh, agus dh’aithnich i gu’m bu le Asad i. An uair a chunnaic i gu’n robh uisge air a dhortadh far an robh a’ mhios, thuig i gur e Behram a thug leis Asad. Anns a’ mhionaid chuir i fios feuch an robh e fhathast anns an acarsaid. Agus an uair a chual’ i gu ’n deachaidh e ’mach as an acarsaid mu’n do dhorchnaich an oidhche, agus gu’n do chuir e am bata gu tir ’na dheigh sin gus uisge ’thoirt as an fhuaran, cha robh teagamh aice nach b’ e a thug leis Asad. Chuir i fios gu ard-cheannard nan deich loingeas cogaidh a bh’ aice, agus a bha deas aig àm sam bith gus a dhol a chogadh, gu ’n robh i fhein gus a dhol air bord ann an soilleireachd an latha. Rinn an an t-ard-cheannard agus na daoine a bha fo ’laimh gach deisealachd a bha feumail, agus bha e deiseil gu seoladh aig an am ainmichte. Chaidh a’ bhan righ air bord, agus an uair a sheol an cabhlach, dh’innis i do ’n ard-cheannard an ni a bha ’na beachd a dheanamh. “Cuir gach seol a th’ agad ri crann, agus lean gu dluth an long-mharsantachd a sheol as an acarsaid so feasgar an de. Ma ghlacas tu i, is leat fhein i; ach mur glac, caillidh tu do bheatha g’ a chionn.” Lean an cabhlach air toir Bhehraim fad da latha mu’n d’ fhuair iad sealladh oirre. Air an treas latha chunnaic iad i; agus mu mheadhain latha chuartaich iad i air doigh ’s nach robh rathad aice air a dhol as. Cha bu luaithe chunnaic Behram na deich loingeas chogaidh na thuig e gu ’m b’ ann le banrigh Margiana a bha iad. Agus ghrad thug e ordugh gabhail air Asad le slait, ni a bha e ’deanamh a h-uile latha o’n a dh’ fhalbh e a baile nan draoidhean. An uair a chunnaic e na longeas, thug e ordugh gabhail air na b’ fhearr. Cha robh fhios aige ciod a dheanadh e ris an uair a chunnaic e gu’n robh na loingeas air thuar a ghlacadh. Nan cumadh e Asad air bord, dhiteadh e e-fnein; agus nam marbhadh e e, bha eagal air gu’m faicteadh comharan leis an biodh e air a dhiteadh. Mu dheireadh thug e ordugh a thoirt a ghrunnd na luinge, na geimhlean fhuasgladh dheth, agus a thilgeadh leis a’ chliathaich. (Ri leantuinn.) SEORAS III. Cha robh Seòras III. tri bliadhna fichead a dh’ aois an uair a thoisich e ’rioghachadh. Phòs e goirid an déigh sin a’ bhan-phrionnsa Charlot, de theaghlach Mheclenburg ’s a’ Ghearmailt. Thug e aon de àrd dhreuchdan na Stàite do Iarla Bhòid, a bha air bith ’na fhear-teagaisg dha. Bu Sheumasach Iarla Bhòid, agus mar sin cha bhiodh e co dcònach air an cogadh a’ leantuinn. Ach b’e Uilleam Pit fathast Prìomh Mhinisteir Bhreatuinn, agus cha robh esan idir air son an cogadh a leigeadh seachad. Fhuair e mach gu’n robh comh-bhoinn eadar an Fhraing ’s an Spàinn an aghaidh Bhreatuinn, agus b’ àill leis cogadh éigheach ’an aghaidh na Spàinn air ball, ach cha’n fhuilingeadh a chomh-mhinisteirean sin a chluinntinn. Leig Pit dheth a dhreuchd an sin, ’s dh’ fhàg e h-iomradh ’s a h-éigheach aca féin. Ach an ùine ghoirid fhuair iad a mach air an cosdas gu’n robh Pit ceart, ’s b’ éigin doibh féin an dearbh ni a dheanamh a mhol esan doibh. Lean Breatunn air cogadh ris an dà rìoghachd chumhachdaich ud, agus air buadhachadh orra cuideachd, gus anns a’ bhliadhna 1763 am bu bhuidhe leò cumhachan sìth iarraidh. Chaidh an t-sìth a nàsgadh ’an ceud mhìos an earraich ann am Paris, agus goirid an deigh sin nàisgeadh sìth ann an Hubertsburgh eadar na rìoghachdaibh Roinn-Eòrpach a bha ’cogadh, ’s bha, mar sin, sìth araon ’s an Roinn-Eòrpa ’s an America. Choisinn Breatunn mòran fearainn ’an America (Air a leantuinn air taobh 246.) [TD 244] [Vol. 8. No. 31. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 9, 1900. Litir a Moosomin. An urrainn duine sealladh fhaicinn a’s graineile na seann duine air an daorich, a cheann aosda gun cheann-aodach, agus fhalt liath ’ga chrathadh leis a ghaoith, a chruth fhein air caochladh, gun naire, gun fhaireachadh, na chulaidh-mhagaidh do chuid ’s na chulaidh thruais do bheagan. Uair na shineadh ’s uair air a ghluin, beadagain a bhaile na dheigh a cur an gniomh gach ballachd a reir a miann; a chàirdean sa luchd-eòlais ma thachras dhaibh a bhi ’sa bhail’ aig an àm, mar as trice ga sheachnadh, mar gum bu lobhar e, ’sa leigeil orra nach fhaca ’s nach b’ aithne dhaibh riabh e. Tha mi smaointean nach ’eil sealladh eil ann cho mi-thaitneach, ach bean san staid cheudna, rud, gu fortanach, nach eil ri fhaicinn co dhiu ’m bailtean beaga ’n taobh so. Chuala mi iomradh uair-eiginn ma dhuine bha comhnaidh an aite air choir-eiginn. Bha e na shìneadh air a chnoc air an dall daorich, gun chomas lamh na cas na suil a ghluasad leis na dh’ òl e. Dh’ fhaoighneachd cuid-eiginn dheth an gabhadh e làn eile. Ged a bha e dall, bodhar do chomhradh cumanta, tholl na briathran so troimh’n cheò thiugh, dhuaichnidh anns an robh an inntinn aige air a tiodhlacadh ’san am, agus bho nach b’ urrainn dha freagairt ann am briathran, dh’ fhosgail e chraos teinnteach, a ciallachadh cho soilleir ’sa b’ urrainn cainnt a radh, “Doirt a ghraidhein ann a sid e.” Cha ’n eil teagamh, coltach ri iomadh poiteas, ’n uair a thigeadh a thur ’sa chiall uige a latha-na-maireach, ’s ord-mor a bualadh na cheann le farum, ’sa chuireadh e ’lamh na phòcaid far an robh na dolair ghorm a’ choisinn e gu cruaidh ’sa gheabhadh e falamh i, nach deanadh e bòidean teann, cruaidh air a furm an aithreachais, nach blaiseadh e gu brath tuilleadh air an stuth laidir, gu h-araidh an uair a chluinneadh e gaoir thruagh, ’sa thigeadh na briathran tiamhaidh, paisdeil ga chluasan, “A bheil bìdeag bheag, bhìdeach idir a staigh, a mhamaidh.” Ach mo thruaighe, chinneadh na bòidean dùrachdach so a lathair a bhuairidh mar a chàth chorca air lombar romh’n ghaoith-tuath: rachadh a sguabadh gu tur air falbh. Cha ’n eil an seòrsa so cho pailt, tha mi smaointean, ’sa bha iad ’s na linntibh a dh’ fhalbh, co dhiu am measg nan Gàidheal, mar a dh’ fhaodas sinn a thuigsinn le obraichean nam bard a bh’ ann ’s na h-amannan sin a leughadh. Cha robh ceann-sios sam bith air duine bhitheadh na phòitear ’s na laithean ud. Na aghaidh sin ’s ann a bhitheadh fear nach òladh mar an t-iasg, na chulaidh-mhagaidh ’s na fheannaig-chora aig a chuideachd. Tha ’n t-uisge-beatha na mhathair-aobhair air barrachd bròin san t-saoghal, na aon rud sam bith eile, ann an iomadh dòigh. Tha e na chridhealas air uairibh, their cuid, os cionn gach ni, ach a ghabhail gu stuaime ’s le riaghailt. Faodaidh so a bhith fior ann an seadh, ach fàsaidh iomadh uair stoc mor a siol crion, gu h-araidh ma gheibh e deagh bhiathadh, gus mu dheireadh nach gabh casg cur air, gus an teid freumhaichean na beatha ’ghearradh. Tha e na aobhar spors air uairibh. Tha seann Eirionnach beag nam nabhachd a tha gle dheigheil air a ghlainne. “Cha rachainn,” ars esan, “fichead slat a dh’ iarraidh botull ’n uair a bhitheas mi greis as aonais; ach aon uair ’s gu’m blais mi air rachainn do dh’ ifrinn fhéin ’ga iarraidh.” A bharr air a bhi ’n gaol air an dram, tha Dennis iongantach ann an iomadh doigh. Cha ’n urrainn dut guth a radh ris, ged a thachradh e riut; thig e na d’ choinneamh le ruais, ’s leigidh e mach na bhios aige ri radh na aon rann, ’s bidh cul a chinn riut ’se deich slatan bhuat ’n uair a bhitheas e comh-dhunadh a naigheachd, ’s e coma co-dhiu chluinneas tu e gus nach cluinn. ’Se ’n aon duine tha cumail dhamh-obrach ’sa choimhearsnachd, air thailibh nach bi iad cho buailteach air teicheadh ri eich, ’nuair a bhitheas am maighstir an caidribh Mhic-an-Toisich. Ged a bhiodh e dol astar ceud mile, gabhaidh e chas air thoiseach air na daimh, ’s taod mor aig asda. Tha e mu choig mile o’n bhaile, ’s tachraidh e fhein riut lethach rathaid ’s an taod air a ghuallain ’se draoghadh aig peilleir a bheatha, ’s na daimh a fagail a bhaile. Bha e uair ’sa bhaile ’s ghabh e droch dhaorach; thug e ionnsaidh air tighinn dhachaidh, ach thug e suas leitheach slighe. Thachair dhomh fhin a bhi ’sa bhaile ’cheart latha, ’s thachair e rium ’na shineadh ’san eabar air an trail. Thog mi leam e, ach cha be taghadh na taing a fhuair mi, an dorn aige ris an t-sròin agam, ’s faodar a thuigsinn gu ’n robh i cunnartach, ’n uair a b’ fheudar dha bhi ’ga cumail suas leis an te eile. Air dha bhi baitseadh uair, ’sa bhean air falbh, ghabh e ’n cothrom ’s fhuair e pige de’n stuth bu toigh leis. Bha seann chompanach faisg air, bha cho deigheil air ris fhein, ’s bha toil aige fhaighinn cuide ris gus faothachadh a thoirt d’an phige; ach b’e cheist ciamar a gheabhadh e nall e ’s nach b’urrainn e ceum a dhianamh leis a rumatas. Ach cha bhitheadh e air a bheatadh. De ’n tlachd a bhiodh aige na aonar ’s gu leòr ’sa phige, ’s gu leor aige ri radh, ’s gu leor do dh’ fhialachd ann. Fhuair e ’m barra roth ’s chuir e feur ann, ’s dh’ fhalbh e dh’ iarraidh a charaid Mike. Bha iad a tilleadh doigheil gu leor, ach tha mi creidsinn gun robh na smaointean aca air na bha rompa, ’s nach b’ ann air a rathad a bha iad a dol. Bha Mike ’na shuidhe ’sa bharra, ’s aghaidh air a charaid, a bha ’na dhuine beag, ’s mar sin, bha ceann Mhike eadar e ’san t-slighe, ’s cha robh e faicinn c’aite ’n robh e dol, gus na dh’ fhairich e casan fliuch suas thun na ’n gluinean;—bha iad am meadhain lòn domhain, dubh. Ghrad leig Dennis as am barra ’s leum e gu tir, se aig a cheart am ag eigheach ris an fhear eile, “Seas na meadhain a Mhike man teid a thairis agus tog air do shocair gu tir e.” Leis mar a bha Mike na bhoil, thug e ionnsaidh air a ghniomh iongantach so a dheanamh. Ach cha robh comas air; b’ fheudar do Dhennis a charaid ’s am barra dhealachhdh, ’s an toirt gu tir an leth. Chuir so an leithid do dh’ fheirg air ’s gun do thill e air ais le Mike bochd, ach mu’n do rainig e, thaisich a chridhe ’s dh’ atharraich e inntinn a rithist ’s thug e m’an cuairt e aon uair eile. Rinn e doigh ur a nis; chaidh e air adhart ’s a chùl ris a bharra ga dhraghadh na dheigh; ach bha na tubaistean an dàn dha aon uair eile mu’n d’ rainig e cheann-uidhe. Bha clais domhain eadar e ’san taigh, chuir Dennis a chas seachad oirre gu stolda ’n duil gun deanadh am barra air ’n doigh cheudna; ach, mo chreach! bhual am barra cho cruaidh ’s gun do bhrist a chuibheal ’s chaidh Mike air comhair a chinn da’n dig! Dh’ fhag so a rithist am fear eile cho frithir, crosda ’s gun dug e fuchdadh no dha air a charaid mu’n do thog e e as an ribe ’s an robh e. “Bheil barr-roth agad fhein, a Mhike?” ars’ esan, air dha bhi greis a smaointean. “Tha,” arsa Mike. “Seall thu so, ma ta; tillidh tu ’ga iarraidh ’s fanaidh mi fhin ann a so gus an tig thu leis, ’s bheir mi ’n corr dhe ’n astar thu.” “Ceart gu leor,” arsa Mike, ’se tilleadh na ruith; oir leis a h-uile uidil a fhuair e, theich a rumatas. Ach ghlaodh Dennis ris e thilleadh, gun rachadh iad le cheile ’ga iarradh a màireach airson a thoirt dhachaidh. Thug an uair sin Dennis leis air a mhuin e ’n corr d’an astar. “Ciamar a bheir sinn an ceann as,” arsa Mike, an uair a leig a charaid as ri taobh a phige; “tha e cho fada sios na amnaich ’s nach fhaigh sinn greim air. “Innsidh mi sin,” arsa Dennis, “cumaidh mi fhin air a bhial-fodh e, ’s bualaidh tusa le d’ dhorn man mhas e. Ach cha deanadh so feum. Ach fhuair iad as e co dhiu, ’s fhuair iad na bhlàthaich an cridheachanan an ùine gun a bhi fada, ’s bha iad cho sona ri dithis. Chaidh fear an taighe ’n sin a mach ’s chuir e falach am pige leis a bheagan a bh’ ann. Chunnaic Mike tromh tholl a bh’ air an tigh an t-aite na chuir e e, ’s an uair a fhuair e na chadal e, chaidh e mach ’s thraigh e ’m pige, ’s tuitear ’na shineadh ri thaobh air an dallanaich, na fhianuis bhalbh air an rud a rinn e. Dhuisg Dennis ’s pathadh mor air, ach ’se fhuair e am pige falamh ’sa charaide lan, ’s cha robh aige ach iotadh a chasg san bhuaran. Dh’ fhalbh e ’n sin ’s thog e nàbaidh caomh ’s chuir e na shineadh e air sleighe bhig a bhitheadh aige ma ’n bhathaich, ’s thug e mach fear de na daimh. Cha do stad e ri acfhuinn a chur air, ach cheangal e ropa na sleigh ri earball. An uair a dh’ fhairich a bhrùid bhochd an tarruinn far nach bu chòir dhi bhith, bhrist e air falbh ’s thug e aghaidh a tuath. Chunnaic Dennis a dha shàil-deiridh a dol á sealladh air mullach a chnuic mhoir. ’S ma thachras e ri aon d’ar luchd-leughaidh, chuireadh e comain mhor air mo nàbuidh le stiuireadh uige. Ach tha amhrus laidir aige gum faic e Mike fhathast a tilleadh as a Chlondaic, ’s an t-sleighe air a luchdachadh le òr glan, buidhe. SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN. Moosomin, Ian. 27, ’00. Tha daoine aingidh iomadh uair a’ cur falaich air an aingidheachd le cleoca na diadhachd, dìreach marr a rinn Herod an uair a thuirt e ris na daoine glice, “Imichibh. agus iarraibh gu dìchiollach an naoidhean; agus an deigh dhuibh ’fhaotainn, innsibh dhomhsa e, a chum gu’n rachainnsa fein, agus gu deanainn aoradh dha.” Cuimhnich daonnan air do chrìch agus nach till an t-am a dh’ fhalbh. Gun sùrd dichioll cha toir thu mach a chaoidh subhailcean. [TD 245] [Vol. 8. No. 31. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha seachd tagraidhean air beul aobh pàrlamaid Chanada o dhaoine ’s o mhathan a tha ’g iarraidh litir-dhealachaidh uathasan ris am bheil iad pòsda. Chaochail fear Seumas Cruikshank ann an Antrim, an siorrachd Halifacs, o chionn ghoirid; ’se 99 bliadhna dh’ aois. Bha ’athair 104 bliadhna dh’ aois ’nuair a chaochail e, agus a mhàthair 90. Tha sinn an dochas gu’n toir am mios ugainn àireamh mhath dholar air son pàigheadh MHIC-TALLA—agus mar an ceudna gu faigh sinn aireamh de luchd-gabhial ùra. Cluinneamaid o gach aon o’m bu chòir dhuinn cluinntinn. Di-satharna s’a chaidh, bha fear Raonull Mac Fhearghais air a bhathadh an amhuinn Mira ’se dol thairis air an deigh. Chaidh e ann an toll a bh’ air an deigh. Cha d’ fhuaireadh a chorp gu maduinn an ath latha. Bha e da fhichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bantrach us sianar chloinn òg, an t-aon a’s sine dhiubh deich bliadhna dh’ aois. Fhuair fear Iain D. Domhnullach, ann an Naufrauge, E. P I., muc-mhara marbh air a chladach, agus ri taobh mu shia fichead punnd de dh’ òmar-glas. ’S fhiach an t-òmar-glas moran airgeid; tha luach na fhuair am fear so air a mheas o $8,000 gu $48,000. Thatar an deigh mirean beaga dheth a chur air falbh do Mhontreal ’s do New York air son fhaotainn a mach ciod is fhiach e. Cha’n eil moran ri innse mu’n chogadh; a reir coltais cha’n eil fior mhoran a’ dol air adhart, neo ma tha cha’n eil sgeul air a tighinn an taobh so. Tha Buller ’s a chuid airm a tuath air an Tugela a rithist, agus, a reir cuid, a dheanamh air son Ladysmith. Tha Roberts agus Kitchener air a dhol a mach gu àite chogaidh, ’s tha dòchas aig daoine gu’n dean sin atharrachadh a thoirt air cùisean. Tha tuilleadh airm ’ga chur air adhart a h-uile latha. Tha iomadh sgeul fhaoin a tighinn a Africa aig an àm so. Tha aon a dh’ fhaodar ainmeachadh ag radh gu’n do chuir Comunn Stuaime nan Ban (W. C. T. U.) an Canada, litir a dh’ ionnsuidh na Ban-righ ag guidhe oirre gun i leigeadh le saighdearan Chanada a dhol ri aghaidh nan naimhdean, gu robh iad tuilleadh us òg air son a bhi air an cur do bhlàr! Ghabh na gillean fearg gu leòr ’nuair a chual’ iad an sgeul, ach fhuair iad a mach an ùine ghoirid nach robh facal firinn innte. Thachair droch sgiorradh ann an Newfoundland air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig stoirm uamhasach air a charbad-iaruinn ’se ruith air bile creige ris a chladach, agus bha da charbad air an tilgeadh bhar an rathaid. Chaidh iad ’nan teine, agus bha gach ni a bh’ annta air a losgadh, am measg nithean eile moran mail a Breatunn ’s a dùthchannan eile. Bha h-aon deug air fhichead air bord na train agus cha d’fhuair duine dhiubh as gun ghoirteachadh; bha trùir dhiubh cho dona ’s ’nuair a rainig iad Sidni Tuath gu’m b’fheudar an giulan bhar a bháta dh’ionnsuidh a charbad. An ti a’s fhearr an Ceap Breatunn air 24cts am punnd aig H. H. Sutharlan & Co. Bha teine mor ann am baile Dawson air an aonamh latha deug dhe’n mhios a chaidh seachad. Loisgeadh taighean agus bathar a b’ fhiach uile gu leir mu cheithir cheud mile dolair. Tha naodh ceud ’s tri fichead mile de rathad iaruinn ann an Nobha Scotia ’s an Ceap Breatunn. Da fhichead bliadhna roimhe so, cha robh anns an roinn air fad ach mu cheud mile. Tha aig luchd-turuis a bhios a tigh’n á Montreal gu ruige Ceap Breatunn ri stad ann an Truro da uair air fhichead. An aite seirbhis nan carbad a bhi dol na’s fhearr ’s ann a tha i sior dhol na’s miosa. Tha duin’ araidh am measg ar luchd-eòlais ag radh gur i bharail-san gu bheil an t-side fuireach cho bhlàth ’sa tha i, ’s an acarsaid a fuireach fosgailte a dh’ aon ghnothuch air son an car a thoirt as an inneal-aiseig a thatar a togail ann an Sidni Tuath. Bha Parlamaid Nobha Scotia air a fosgladh an de. Tha an ard pharlamaid cruinn ann an Ottawa o’n cheud latha dhe’n mhios. ’S i bharail chumanta nach bi i ’na suidhe cho fada air an turus so so bha i ’n uiridh, oir cha’n eil e ri fhaicinn gu bheil fior mhoran obrach m’a coinneamh. Tha Australia, cho math ri Canada, a’ cur tuilleadh shaighdearan do Africa Deas. agus tha New Zealand a cur bhan-altrum ann a thoirt an aire do’n mhuinntir leointe. Chaidh ionnsuidh a thoirt air teine chur ri te dhe na soithichean a bha dol a ghiùlan saighdearan Australia gu’n ceann-uidhe. Tha ochdnar mhaor aig cuideachd an iaruinn air son riaghailt a chumail am measg an luchcd-obrach. Tha iad so air am mionnachadh a stigh leis a bhaile, ach air am pàigheadh leis a chuideachd. Tha aca air an ceann Mac Coinnich agus Dooley, a bha fad bhliadhnaichean ’nam maoir ann an Sidni Tuath. Tha na paipearan Duitseach ann an Cape Colony an dràsda ’g agairtg u’m bu chòir sith a dheanamh ris an Transvaal. ’Se ’s aobhar dha sin gu bheil iad gle chinnteach gu’n teid a chuis an aghaidh nam Boers an uine gun bhi fada, agus cha’n eil toil aca Breatunn fhaicinn a faotainn buaidh. Ach cha deanar sith a nise gus am bi dùthaich nam Boers gu h-iomlan fo riaghladh Bhreatunn. Ann am baile beag an stait Illinois, tha fuireach Gearmailteach pòsda ri ban-Shasunnach, agus Sasunnach pòsda ri ban-Ghearmailteach. An la roimhe chaidh an dithis fhear bhar a cheiie mu chogadh nam Boers, agus shabaidich iad, ’s mu’n do sguir iad, chaidh an Gearmailteach a stobadh le forc fheòir, ’s chaidh an Sasunnach a pharnnadh ’s a sgròbadh gu dona. Bha na mnathan ’sa cheud dol a mach a togail an guth air taobh an dùthcha, ach ’nuair a thainig a chùis gu buillean, ghabh gach te dhiubh taobh a fir, ’s ’nuair a chaidh na fir a chur o fheum, thòisich iad air a chéile. THA Saoiread a Bhathair a tha sinn a creic a mach a sior tharruinn aire dhaoine. Nach tarruinn na prisean a leanas t’ aire-sa:— Brogan obrach dhaoine ’s ghillean (Split Bal.) 80c Leintean troma Gingham 26c Triubhsairean Troma de chloth gorm 90c Leintean briagha geala 48c Anart buidhe (36 oirlich a leud) 3c an t-slat. Flannelette 5c. 7c. 9c. & 10c. an t-slat. H. H. SUTHERLAND & CO. Air Seann Larach Thormaid Dhomhnullaich. A Dahoin’ agus a Mhnathan Uaisle THA AGAINNE Cotaichean agus Colairean Bein, Tha toil againn an creic, Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean. J. C. MILLS. Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 246] [Vol. 8. No. 31. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 243.) agus ’s na h-Innsibh a’ siar leis a’ chogadh fhadalach ud. Ach mu choinneamh sin bha na fiachan air atadh gu h-anabarrach. Roimh thòiseachadh a’ chogaidh mu dheireadh, bha fiachan Bhreatuinn mu’n cuairt do cheithir fichead muillean. ’N uair a sguir an cogadh bha iad air dìreadh gu dlùth air ceud ’s dà fhichead muillean. Bha sluagh Bhreatuinn, gu h-àraidh na Sasunnaich, ro dhìombach do Iarla Bhòid, am Prìomh Mhinisteir, air son nach d’ fhuair e cumhachan ni b’ onaraiche do Bhreatunn., ’s gun robh a cuid armailtean co soirbheachail air mùir ’s air ré a’ chogaidh. Bha na Sasunnaich ni bu ro bhuaireasaich ’na aghaidh a chionn gu’m b’ Albannach e. B’ éigin da ’n dreuchd a leigeadh dheth, agus chaidh fear Mr. Grenbhil, a dh’ àrdaicheadh an déigh sin gu bhi ’na Mhorair, ’na àite. B’e aon de na ceud nithe a rinn Grenbhil, an déigh tighinn do ’n dreuchd, tòiseachadh air cath ri luchd, sgrìobhaidh nam paipeirean naigheachd air son an càinidh ’s an ana-cainnt ’an aghaidh an tighearnais. Thòisich e ro gharg. Cha deachaidh leis ach ’an cuid. Ach ’s e nì àraidh aìr son a thighearnas-san ainmeil an oidhirp a thug e air na h-Americanaich a chur fo chìs, agus mar a dh’eirich iadsan suas air lorgsin gus an ceangal eadar iad féin ’s an dùthaich mhàthaireil a bhriseadh gu h-iomlan. Mar a bha fiachan na rìoghachd air tighinn gu àirde co mòr ’s a dh’ fheumadh tighearnas riadh nam fiachan a phàigheadh gu bliadhnail, leag iad cìsean ni bu truim’ aig a’ bhaile; ’s o’n bha iad air deanamh mòran cosdais ri America a dhìonad o na Frangaich ’s o naimhdibh eile, bha iad ’an dùil gu ’n robh e laghail dhoibh ni-eigin de chur a stigh a thogail o ’na Stàitibh fa leth do’n robh America a tuath air a roinn. Fhuaradh Reachd troimh ’n Phàrlamaid leis an robh na h-Americanaich gu bhi gnàthachadh Paipeirean S?amp air an robh cìs bheag. Ach ’n uair a fhuaradh sin a mach air taobh thall a’ chuain, dh’ éirich iad an ceannairc. Thuig a’ Phàrlamaid Bhreatunnach gu’m bu co maith an t-Achd a chur air chùl; agus rinneadh sin, agus sgriobhadh a null do America a dh’ innseadh nach robh cìs gu bhi air a leagadh orr’ air an dòigh ud. Ach aig an àm cheudn’ a tagairt gu’n robh còir aig Breatunn air cìs a leagadh air gach ùr threabhachas a bhuineadh dhi, mar chitheadh i iomchuidh. Cha do chuir na h-Americanaich mòr shuim anns an tagairt sin fhad ’s nach robh e ach ’am focal a mhàin. Bha Grenbhil a nis an déigh an dreuchd a leigeadh dheth, agus Marcus Rocingham air tighinn na àite. Goirid an déigh sin thàinig Morair North gu bhi ’na Phrìomh Mhinisteir. Rùnaicheadh a nis cìs a chur air na h-Americanaich air sheòl co eutrom ’s air an smuaineachadh iad. B’e sin beagan a phàigheadh fo ainm cìs air son bathair a bha dol a null á long Phortaibh Breatunnaich. Bha i air a tri no ceithir de nithe fa leth an toiseach; ach thugadh dheth na nithibh sin uil’ i, ach tì a mhàin. Bha trì sgillinnean de chis gu bhi air a phunnd. Agus thug a’ Chuideachd Innseanach an tì seachad co saor, air son a chur a dh’ America, ’s gu ’n robh e ni b’ fhusadh a cheannach ’an America na ’m Breatunn féin, ged a bha ainmeachas cìs air. Ach dh’ éirich na h-Amerisanaich ’na aghaidh. Chaidh long le luchd a steach do Phort Bhostoin, ’s chruinnich àireamh mòr de mhath-shluagh a’ bhaile; fhuair siad iad féin air an armachadh, ’s chaidh iad air bòrd na luinge, ’s thilg iad an luchd a mach air a’ mhuir. ’An Niu Iorc, ’s am Philadelphia, cha d’ fhuair na luingeas cothrom dad a bh’ air bòrd ac’ a chur air tìr. Agus ’am baile Theàrlaich, far an d’ fhuair iad cothrom a chur air tìr, chaidh a ghrad ghlasadh a stigh ’an tighibh stòir, far nach bu dana le Bhreatunnach meur a chur air. Bha ’n cogadh air a bhonn. Rinneadh cabhag air feachdan lìonmhor mara ’s tìr a chur a null air los an fheadhhinn ud a bh’ air éiridh an ceannairc a thoirt gu strìochdadh. Ach ’s cogadh daor a bha ’n sud do na Breatunnaich. Bha chuid ud de America, eadhon an uair ud, air a roinn ’na Staitibh fa leth. Thionail Cochruinn lìonmhor as gach Stàite dhiubh sin do Philadelphia ’am mìos meadhonach an fhoghair 1774. Chuir iad céill an sin a measg nithe eile, gu ’n robh iad deònach air a’ cheangal eadar iad féin ’s an dùthaich mhàthaireil a bhi air a bhuanachadh, ach cothrom a bhi aca fhein a mhàin gach cìs a chitheadh iad iomchuidh a chur orra féin, Ach cha’n eisdeadh Breatunn ri cumhachibh uatha ni b’ fhaide. Agus fhuaradh a mach an deigh làimh gu ’m b’ aon aobhar mòr air son iad a dh’ éiridh ’an ceannairc, gun robh mòran de’n cuid mharsantan a deanamh fortain le smuglaigeadh, no goid-mhalairt ri eileanaibh nan Innsean a siar a bhuineadh do’n Spàinn. (Ri leantuinn.) Reic a mach bathair na’s saoire na chosd e aig H. H. Sutharlan & Co. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 247] [Vol. 8. No. 31. p. 7] Fear na Muing. LE DONULL MAC CALLUM. Air do’n Ghille Bhàn agus do Loirean a bhi là ag òl ann an seòmar beag leo fhéin anns an “Star Inn,” thàinig duin’ uasal caol, ard, dubh, le falt ’us feusag mar mhuing leòghain a sios ’m guaillean ’s air a’ bhroilleach a steach, a pheitig air cumadh poca, agus bhrigisean cho farsuinn ’s gun deanadh iad a chùis do fhear a bhiodh a thri toighead ris. Air a shàil thàinig an t-òsdair agus mar so thuirt e—“Messrs Loran and Gilbain, gentlemen, allow me to introduce to you the rising artist, Carlo Von Michael, who already knows you by repute.” Dh’eirich Loirean ’s an Gille Bàn agus rug iad air làimh an artist.” Dh’ fhalbh an t-osdair. “Pray be seated, gentlemen,” thuirt fear na muing. “Can I have the honour of offering you something to drink!” Cha robh dad aig na fir an aghaidh sid agus air a chost dh’ol iad a dheoch-slainte le brandi laidir. ’Nuair a thug iad greis ag ol agus a comhradh mu ghnothaichean na duthcha deir Carlo Von Michael—“I suppose, gentlemen, you are greatly wondering who I am, and what my business is with you?” “Your noble lordship,” deir Loirean, “looks suspiciously like a detective chap, and we would not wonder to hear your business with us was to get us into a trap. “My dear sir,” deir fear na muing, “you are greatly mistaken. But why, in that case, do you call me your noble lordship,” “O!” deir Lorian, “your noble lordship’s majestic bearing proclaims your noble lordship’s ancient pedigree, but your sneaking manner proclaims your detective proclivity.” “Good deir Von Michael; “very good, sir, I belong to a noble race, and my purpose is not quite honest. To be plain, I mean to make a sensation as an artist, and I dreamed that I was made famous as the painter of the “Poachers at Work.” I am determined to make that dream a reality. It will pay you well to become my modles. My studio shall be the mountain side.” An déigh do na fir beagan fhacal a ràdh ri chéile ann an Gaidhlig thuirt Loirean ri fear na muing. “Having had a consultation on the matter, we are quite agreed to accept your noble lordship’s offer. We have no fear but that your noble lordship will pay ns right enough.” Mu ’n do dhealaich na fir shuidhich iad gu’n rachadh iad a mach seachdain o’n là sin a shealg air Beinn-a chladaich a bhuineas do fhearann Mhicodo. Air an là sin thog iad orra le gunairean air an guaillean gun sgath gun eagal. ’Nuair a ràinig iad Béinn-a-Chladaich thuirt fear na muing, “Gentlemen you can be shooting away on the side of the hill here, and I shall go up to the top to have a view of you for my great canvas.” Dh’ fhalbh Carlo, agus thoisich na fir air an t-seilg; ach cha robh iad fada ’g obair ’nuair a thàinig na gillean aig The Mac Dodo orra, agus bha iad air an glacadh leo agus air an toirt air falbh air muin eich do ’n phrìosan. Cha robh lorg air fear na muing. Cha deachaidh na gillean leis na poachearan fada ’nuair a rug The Mac Dodo orra agus dh’ fhalbh e leó ’g an toirt do’n phrios Giùlain thu fein a nis air a leithid de dhòigh is gu’m bi uair do bhàis na h-aobhar aigheir is cha’n ann na h-aobhar eagail. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. TURSAN DIREACH.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 248] [Vol. 8. No. 31. p. 8] Dan an Deirg. ’S La dhuinn a’ fiadhach na Leana, Chunnas loingeas breid-gheal crannach; Shaoileas gu’m b’ Lochlann a dh’ elrigh, A thoirt Chrimin’ air eigin thairis. Sin ’n uair thuirt Conan crion, “’S coma leam stri gun fhios c’arson; Feuchaibh an toiseach le suim Ciod an run am bheil dhuinn a bhean. Deargamaid falluinn a fir ’Am fuil tuirc ’s am fhireach ard; Giulaineamaid e ris an riochd mairbh, ’S chi sibhse ma’s fior a gradh.” Dh’ eisd sinne, ’s b’ aithreach lcinn, Comhairle Chonain a’ mhi-aigh. Leag sinn an torc nimhe borb Anns a choillidh dlu do’n traigh. “Cumaibh riums’ e,” deir Conan crion; “’S d’a dhith, mo lamh, gu’m bi ’n ceann. Chomhdaich sinn Dearg leis an fhuil, ’S thog sinn air ar muin an laoch; A righ! bu tiamhaidh trom ar ceol ’G a ghiulan an co-dhail a ghaoil. Ruith Conan le bian an tuirc (Bha e titheach chum uilc a ghna)— “Le ’m lainn thuirt an torc a lot d’ fhear, ’N uair bhrist a shleagh air cheum fas!” Chuala Crimin’ an sgeul; ’Us chunnaic i ’n cruth eig a Dearg; Dh’ fhas i mar mheall eigh ’s an fhuachd, Air Mora nan cruaidh learg. Tamull dhi mar sin ’n a tamh, Ghlac i ’n a laimh inneal-ciuil. Mheath i gach cri; ach cha d’ fhuiling Sinn do Dhearg e corrach’ air uilinn. Mar bhinn-ghuth eala ’n guin bais, No mor cheolan chaich mu’n cuairt di, A’ gairm an taibhse bho lochan nan nial, ’G a giulan air sgiathaibh gaoithe; B’amhuil sin caoidh Chrimine, ’S a Dearg ’n a shineadh dlu dhi. CAOIDH CHRIMINE. “O thaibhse! bho airde nan nial Cromaibh a dh’ iarraidh ’ur Deirg; ’Us thigibh, oighean an Trein, o ’r talla, Le ur-fhalluinn leibh do m’ ghradh. “C’uime, Dheirg, an robh ar cri Air an sniomh co dlu ’n ar com? ’Us c’uim’ a spionadh thusa uam, ’S an d’ fhagadh mise gu truagh trom? Mar dha lus sinn ’s an druchd ri gaire, Taobh na creige ’m blas na greine, Gun fhreumh air bith ach an aon, Aig an da lus aobhach aoibhinn. “Sheun oighean Chaothain na luis, Is boidheach, leo fein, am fas! Sheun ’us na h-aighean eutrom; Ged thug an torc do aon diu ’m bas. Is trom trom, ’s a cheann air iomadh; ’N t-aon lus faoin tha fathasd beo, Mar dhuilleach air seargadh ’s a’ ghrein— O! b’ aoibhinn bhi nis gun deo. “’Us dh’iadh orm oidhche gun chrioch; Thuit gu sior mo ghrian fo smal Moch bu lannair air Mor-bheinn a snuadh, Ach anmoch chaidh tual an car. ’S ma threig thu mi, sholuis m’aigh! Tha mi gu la bhrath gun ghean. Och! mur eirich Dearg o phramh, Is duibh-neul gu brath a bhean! ’S duaichnidh do dhreach; fuar do chri’; Gun spionn’ ad laimh, no cli ad chois. Och! ’s balbh do bheul a bha binn; Och! ’s tinn leam, a ghraidh, chor! Nis chaochail rugha do ghruaidh, Fhir nam mor-bhuadh anns gach cath, ’S mall, mar a cnuic air ’n do leum, A’ chas a chuir eilde gu stad! “’Us b’ annsa Dearg seach neach fo’n ghrein o! Seach m’ athair deurach, ’s mo mhathair chaomh. Tha ’n suil ri lear gu tric ’s an eigheach; Ach b’ annsa leamsa dol eug le m’ ghaol. “’Us lean mi ’n cein thar muir ’us glinn thu. ’S laidhinn sinte leat ’s an t-slochd; O! thigeadh bas no torc do m’ reubadh, Neo ’s truagh mo charamh fein an nochd. “’Us rinneadh leaba dhuinn an raoir, Air an raon ud cnoc nan sealg; ’S ni ’n deanar leab’ air leth an nochd dhuinn, ’S ni ’n sgarar mo chorp o Dhearg. “Tuirlibh, o thaibhse nan nial, O ionadaibh fiailnam flath! Tuirlibh air-ghlas-sgiathaibh ’ur ceo, ’Us glacaibh mo dheo gun athadh! “Oighean tha’n tallaibh an Trein, Deilbhibh ceo-eideadh Chrimine) Ach ’s annsa leam sgiobul mo Dheirg; A’d sgiobuls’, a Dheirg, biom!” ’Us mhothaich sinn ’g a treigsinn a guth, Mhothaich sinn gun lugh’ a meoir. Thog sinn Dearg, ach bu ro-anamoch; Crimine bha marbh gun deo. Thuit a’ chlarsach as a laimh; Dh’imich ’s an dan a h-anam. Thaisg an laoch i air an traigh, Le Crimora, cheud ghradh; ’Us dh’ ullaich e ’s an aite cheudna An leac ghlas fo’n laidh e fein. ’S chaidh dithis deich samhraidh mu ’n cuairt, U’s dithis deich geamhraidh le ’m fuachd o sin; An cian ud tha Dearg ’n a uaimh, ’S cha’n eisd e ach fuaim gun ghean; ’S tric mis’ a’ seinn da tra noin, ’S Crimin’ air a ceo-soillse. Stiùir d’ ùrnuigh, d’ achanaich is do dheùir gach là gu neamh, chum an déigh do bhàis gum faigh d’ anam fàilte fhiallaidh an sin. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 249] [Vol. 8. No. 32. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 16, 1900. No. 32. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. CAIB. VII. Bha Muruchadh Ceannaiche latha no dhà eadar dhà chomhairle co dhiubh a bhruidhneadh no nach bruidhneadh e ris a’ mhaighstir-sgoile mu dheidhinn na dòigh anns an robh e ’gabhail air Domhull. Mu dheireadh thuirt e ris fhein, gu’m b’ fhearr dha bruidhinn ris gun dàil sam bith. Nan rachadh aige air a chomhairleachadh, bu mhath; ach mur rachadh, cha bhiodh g’a dhìth ach a shaothair. Ach bha làn chinnt aige nach b’ e taghadh na taing a gheibheadh e, nan tachradh gu’m biodh am maighstir-sgoile bhar a shiùil aig an àm. Bu duine glic, geur-chuiseach a bh’ ann am Muruchadh. Cha ’n abradh e mòran aig àm sam bith; ach na theireadh e, cha bhiodh cearb air. Bha e fhein ’s am maighstir-sgoile glé eólach air a chéile; oir bha iad nan dlùth-choimhearsnaich fad iomadh bliadhna. Mu’n aon latha ’bhiodh am maighstir-sgoile glic ’na chainnt, na dhòigh ’s ’na ghluasad, bhiodh e dà latha amaideach, greannach, crosda, frithir. Bha ceann math aige gu foghlum de gach seòrsa a thogail, agus bha cuimhne air leith math aige. Ni sam bith a chitheadh no ’chluinneadh no leughadh e, chumadh e air chuimhne e. Ach bha e trom air an òl; agus an uair a bhiodh e latha no dhà ag òl, bhiodh e latha no dha ’na dheigh sin cho greannach ’s cho crosda ris a’ mhac-mhollachd. B’ e an duine bu ghlice an duine a sheachnadh e an uair a bhiodh e anns an t-suidheachadh so. Bha fhios aig Muruchadh air so glé mhath, agus bha fhios aige mar an ceudna gu’m bu cho math dha teannadh ri ’fhiaclan a chur ann an creig ri teannadh ri comhairle a thoirt air a’ mhaighstir-sgoile an uair a bhiodh e bhar a shiùil. Ach an uair a bhiodh saod math air dh’ éisdeadh e gu foighidneach ri comhairle caraid, agus nam biodh a’ comhairle a réir ’inntinn fhein, ghabhadh e i; ach mur bitheadh, cha tugadh e geill sam bith dhi. Latha de na laithean, an uair a shaoil Muruchadh gu ’n robh saod math air a’ mhaighstir-sgoile, chaidh e a dh’ aon ghnothach far an robh e, agus thòisich e ri seanachas ris mu thimchioll caochladh nithean a bha ’tachairt anns an àite. Am measg nan nithean eile air an d’ thug iad iomradh fhad ’s a bha iad a’ comhradh, thainig aca air teaghlach Aonghais ’ic Alasdair. Mhol Muruchadh, mar a dh’ fhaodadh e, Aonghas; agus thuirt e gu’n robh truas mòr aige ris a’ bhantraich agus ris a’ cheathrar dhilleachdan a dh’ fhàgadh aice. “Tha truas agamsa mi fhein rithe,” ars’ an maighstir-sgoile, “ach is e am balach a’s sinne a th’ aice an aon bhalach a’s duilighe dhomh a cheannsachadh a thachair riamh rium. Bidh e anns a’ h-uile olc ged a phronnainn ’na chraicionn e. Ach cha’n eil mi ’smaointean gu’m bheil a h-aon ’s an sgoil agam a’s fhearr a dh’ ionnsaicheadh na e, nan suidhicheadh e ’inntinn air an sgoil. Ach cha dean e sin Cha’n eil fhios agam ciod a ni mi ris. Tha truas agam ris, ged a tha mi gu tric a’ toirt fìor dhroch laimhseachadh dha. B’ fheudar dhomh a dhol an diugh fhein an sàs ann; ach cha b’ann le ’m thoil; oir tha barrachd truais agam ris o’n a dh’ eug ’athair. An uair a leag mi air an urlar e gus a bhriogais a thoirt dheth gu gabhail air gu math ’s gu robh mhath, ciod a b’ iongantaiche leam na gu’n robh na gailis aige air am fuaigheal ris a’ bhriogais. An uair a chunnaic mi cho gleusda ’s a bha e, cha dùiriginn buille a bhualadh air. Leig mi ’na sheasamh e, agus thuirt mi ris gu ’m cuirinn an sgian air na gaileis aige an ath uair a rachainn ’na dhàil. Ged a leith-mharbhainn e cha’n eil mi smaointean gu ’n tigeadh deur air a shùil. Tha eagal orm nach teid ’fhuil is ’fheòil ann an aon slochd. Bristear a chnamhan latha eiginn oir cha téid fois air ach a’ falbh air barr thotaichean is ghàraidhean. Streapaidh e na craobhan mar gu’m biodh feòrag ann. Cha dean e gu bràth ach saighdear no seòladair. Ach tha aon ni anabarrach math ann, cha dean e breug air son rud sam bith. Ciod sam bith olc a ni e, aidichidh e ’s a’ mhionaid gur e a rinn e. Tha rud math eile ann cuideachd; cha’n innis e nì sam bith air aon de na sgoilearan eile ged a bheirìnn an ceann deth. An uair a ghairmear e gu fianuis a thabhairt an aghaidh aon de na sgoilearan a ni cron, cha’n fhosgail e a bheul. Tha amhrus trom agam gu ’m bheil e anabarrach dùr, rag ’n a nàdar. Tha e dhol ni ’s miosa a h-uile latha. Mur fàs e ni ’s ùmhla na tha e, feumaidh mi a chur as an sgoil. Sin direach an rud a ni mi ris.” “Cha’n e sin a ni sibh idir,” arsa Muruchadh ’s e ’freagairt. “Ni sibh foighidinn a’s fhearr na sin ris. Cha chreid mise nach e bhios ann fhathast gille cho deanadach ’s cho tapaidh ’s a bhios anns an dùthaich. Is math an comharradh air gu’n innis e an fhìrinn. Cha ’n anns a h-uile àite a gheibh sibhse giullan òg a dh’ aidicheas a h-uile cron a nì e. Na bithibhse cho fìor throm air ’s a tha sibh. An d’ fheuch sibh riamh ri ’thabhairt gu rathad le chomhairleachadh? Tha mòran cloinne ann do’n dean comhairle barrachd feuma na ni garg-chronachadh agus trom-smachdachadh.” O nach do thachair gu ’n robh saod math air a’ mhaighstir-sgoile ’s an àm, thàinig greann an uilc air an aghaidh aige an uair a chuala e cainnt Mhuruchaidh, agus thuirt e le guth a bha gu soilleir a’ nochdadh gu ’n robh e cho cas ris an fheanntaig, “Na bithibhse ag innseadh dhomhsa ciod is còir dhomh a dheanamh ri m’ chuid sgoilearan. Is math is aithne dhomh mo ghnothach a dheanamh. Mur cum mise na sgoilearan fo smachd, gabhaidh iad brath orm; agus an latha ’ghabhas na sgoilearan brath air a’ mhaighstir-sgoile, faodaidh e an taigh-sgoile a dhùnadh. Sin agad an fhìrinn, a Mhuruchaidh, biodh i binn no searbh leatsa.” Thuig Muruchaidh nach robh feum sam bith dha an tuilleadh comhairle a thoirt air Domhull Sgolair—mar a theirteadh gu cumanta ris a’ mhaighstir-sgoile. Ach thuirt e, “Cha bu chòir dhomhsa no do’m leithid gabhail de dhànadas aon fhacal comhairle a thoirt air bhur leithid-se; oir mar a tha fhios aig sluagh na dùthchadh, tha eòlas is fiosrachadh agaibhse nach ’eil ’s nach bi agamsa. Tha beagan eòlais agam air nàdar daoine, agus tha fhiòs agam nach e an aon dòigh smachdachaidh a fhreagras orra gu léir. Is e comhairleachadh mòran is fhearr a fhreagras air an fheadhainn a tha gu nàdarra rag, rasanta na bhith sìor ghabhail orra.” “Na cluinneam an corr, a Mhuruchaich,” arsa Domhull Sgoilear, agus e ’freagairt gu greannach, gruamach. “An uair a bhios tusa ’nad mhaighstir-sgoile, cum fo smachd na sgoilearan mar a thogras tu. Ni mise mar a chi mi fhein iomchuidh. Cha bhi mi fo riaghladh fir sam bith dhe do sheòrsa-sa. Cha ’n fhaca mi mac màthar riamh do’n géillinn fhad ’s a shaoilinn gur mi fhein a tha ceart. Mar a tha ’n sean fhacal ag radh, ‘Ceannsaichidh a h-uile fear an droch bhean ach am fear aig am b[?] i.’ Feasgar math dhut, a Mhuruchaidh. “Mar sin dhuibh fhein, a Dhomhuill,” arsa Muruchadh. Bha Muruchadh ’na dhuine còir, ciùin, reumail, sìobhalta, nach cuireadh dragh no mi-ghean air neach sam bith d’a dheoin. An uair a chunnaic e gu ’n do ghabh Domhull Sgoilear gu h-olc am beagan fhacal a thuirt e ris, bha aithreachas air a chionn gu’n d’ fhosgail e a bheul idir ris. Ach thuig e nach b’ ann uile gu léir a chionn gu’n do bhruidhinn e ris mu mac na bantraich a thug e freagairt cho cas air, ach a chionn gu ’n do thachair dha a bhith aig an àm cho corrail ri pàisde tinn. Bha e an oidhche roimhe sid anns an taigh aig Moir Ruaidh ag òl. Bha ’m boirionnach truagh so a’ reic uisge-bheatha gun òrdugh, agus chuireadh an stuth a bha i ’reic ceann an fhir a b’ fhearr eanchainn ’s an dùthaich troimh a chéile. Cha bu luaithe a thug Domhull Sgoilear a chùl ri Muruchadh na thòisich e ri bruidhinn ris fhein mar bu ghnàth leis, an uair a bhiodh e ’falbh leis fhein. Shaoileadh daoine nach robh eolach air, an uair a chitheadh iad an dòigh anns am bitheadh e ’falbh an rathad mhoir, nach robh ann ach an dearg amadan. An uair a bhiodh e ann am meadhain cath-bhruidhne ris fhein, sheasadh e greis air an rathad, agus chrathadh e a cheann ’s a lamhan mar gu’m biodh e bruidhinn gu dùrachdach ri mòran sluaigh. An latha a bhiodh e frithir, greannach, aingealta, is ann bu mhò a dheanadh e do bhruidhinn ris fhein. B’ ainneamh leis a bhith cho fada bhar a shlùil ’s a bha e air an fheasgair ud. Thòisich e ri bruidhinn ris fhein cho luath ’s a thug e ’chul ri Muruchadh. Thuirt e:—“Cha b’ ioghnadh leam ach a leithid, gu dearbh fhein. Thusa ’teannadh ri innseadh dhomhsa mar bu chòir dhomh mo ghnothach a dheanamh. Mur b’ aithne dhomhsa mo ghnothach fhein a dheanamh, cha bhiodh e air earbsa rium. Is iomadh fear gun nàire a th’ anns an t-saoghal, agus is ann diubh thusa, a Mhuruchaidh chòir. B’fhearr [TD 250] [Vol. 8. No. 32. p. 2] dhut an aire a thoirt air do ghnothach fhein na bhith ’g am chomhairleachadh-sa. Cha’n fheairrde am peasan balaich aig a bhantraich thusa a bhith ’dol as a leith idir. Dioghlaidh coireach no neo-choireach, ar neo tha mise air mo mhealladh. Is miosa a dh’ fhàg na fhuair, a Mhuruchaidh.” Bha na briathran so an an-fhios do Mhuruchadh aig an àm, ged a chuala an dithis a bha’n an suidhe air chùl a’ ghàraidh a h-uile facal dheth, agus moran a barrachd, nach ruigear a leas ainmeachadh an so. B’ ann le rùn math a dheanamh a chaidh Muruchaidh a bhruidhinn ri Domhull Sgoilear; ach an ceann latha no dhà, b’ fhearr leis nach d’ fhosgail e a bheul riamh ris. An la-iar-na-mhàireach an uair a dh’ fhosgladh an sgoil, bha am maighstir-sgoile cho cas ris an fheanntaig. Mu ’n d’ thàinig am feasgar rinn Domhull mac na bantraich rud-eiginn nach do chòrd ris, agus o’n a thachair gu’n robh an fhearg air, rug e air mhullach cinn air Domhull, agus leag e air ùrlar e. An uair a dh’ fheuch e ris a’ bhriogais a thoirt dheth, bha na gaileis air am fuaigheil rithe mar a b’ àbhaist. Thug e an sgian as a phòcaid, agus ghearr e iad. Ghabh e air ni bu mhiosa na rinn e riamh roimhe. An uair a fhuair Domhull ’na sheasamh, thug e an dorus air, gun fheitheamh ris a’ bhriogais a chur uime. Cha robh anns an t-saoghal na bheireadh air a dhol do ’n sgoil tuilleadh. (Ri leantuinn.) SEORAS III. (Air a leantuinn.) Thòisich an cogadh mu thoiseach an t-samhraidh, 1775. Bha cuid a’ saoilsinn nach maireadh e ni b’ fhaide na ’bhliadhna sin féin. Cha mhò na trì muillean sluaigh a bha ’s na ceàrnaibh ud de America aig an àm. Bha sin beag ’an coimeas ri sluaghmhoireachd Bhreatunn ’us Eirinn. Ach bha na h-Americanaich a’ cogadh ’n an dùthaich féin air an robh iad eòlach; ’s bha iad anabarrach dealasach, agus la ’s gu’n do thòisich iad, aon-sgeulach ’n an rùn air a’ chuing Bhreatunnaich a thilgeadh dhiùbh, bha car ’an aghaidh cuir aca ga chumail ri Breatunn; agus an uair a chriochnaich campachadh a’ cheud shamhraidh ’us fhoghair, bha iad cho fad o bhi air an ceannsachadh ’s a bha iad ’an àm tòiseachadh. Bha cuid de rìoghachdan na Roinn-Eòrp’ a chìosnaich Breatunn ’s a’ chogadh roimhe sud, ro aoibhneach air son America òg a ’bhi ’cumail ceann ris an t-seann leòmhan Bhreatunnach, ’s chaidh mòran oifigearan ’us shaighdearan Frangach a null, air an ceann féin, a chuideachadh nan Americanach. Anns a’ bhliadhna 1778, trì bliadhn’ an déigh do’n chogadh tòiseachadh, dh’ aidich an Fhraing a bhi ’gabhail ri America mar rìoghachd shaoir, agus ghabh cùirt Bhreatuinn sin cho olc, ’s gu’n d’ éigh iad cogadh ’an aghaidh na Frainge mar an ceudna. Air an ath bhliadhna thòisich rìoghachd na Spàinn a’ cogadh còmhladh ris an Fhraing ’s ri America ’an agh-Bhreatuinn. Bha so a’ deanamh a’ ghnothuich mòran ni b’fhusadh do America, o’n a dh’fheumadh Breatunn a cuid feachd, mara ’s tìr’, a roinn an aghaidh nan trì nàimhdean. An uair a bhiodh na h-Americanaich a’ cogadh air tìr bhiodh an càbhlach Frangach ’us Spàinneach ag obair air a’ mhuir, mu’n coinneamh, agus mur deanadh iad tuilleadh, a’ cumail a’ chàbhlaich Bhreatunnaich o chòmhnadh a dheanamh leis an arm thìre. Leis gach còmhnadh a bh’ ann bha America a’ soirbheachabh ’s a’ chòmhrag cho maith ri Breatunn; agus shaoil leis an Fhraing ’s leis an Spàinn gu’n rachadh ac’ air eileanan nan Innsean a ’s iar, a bha Breatunn air a chosnadh roimhe sud, a spìonadh uaipe, ’s an roinn eatorra féin. Ach mu mheadhon an earraich, 1782, chuir Admarail Rodneidh as gu buileach do na càbhlaichibh Frangach ’us Spàinneach, a’ glacadh cuid diubh, a measg an robh long an Admarail Fhrangaich féin. Dh’ fhàs an dà rioghachd so a nis cho bacach ’s nach b’urrainn iad mòran còmhnaidh a dheanamh tuilleadh ri America. Ach goirid roimhe so bha ’n Olaind air dol ’s a’ chomh-bhoinn an aghaidh Bhreatuinn; agus b’éigin cogadh éigeach ’n an aghaidh-san mar an ceudna. Lean Breatunn car tacain air ceann a chumail ris a’ cheathrar nàimhdibh cumhachdach ud; ach bha sin a’ tarruing tràghadh mòr air a cuid ionmhais ’s air a cuid daoine, agus mar a bha ’n gnothuch a’ fàs ni bu mhi-choslaiche, ’s cuid eile de rìoghachdan na Roinn-Eòrp’ air tì dol ’s a’ chomh-bhoinn,mheas luchd-chomhairl’ an rìgh iomchuidh sìth a mholadh dha. Bha rìgh Seòras glé aindeonach air sìth a dheanamh. Ach an déigh do ’chuid mhinisteirean an dreuchd a leigeadh dhiùbh, ’s feadhain eile dhol ’n an àite, dh’aontaich iad sìth a dheanamh ri America, ’an ceud mhìos a’ gheamhraidh, 1782, ’an déigh leantuinn seachd bliadhn’ air cogadh. Bha Stàitean America a nis air an aideachadh mar rìoghachd no tighearnas air leth, gu h-iomlan saor o uachdranachd Bhreatuinn. Mìos no dhà roimhe sin thug Breatunn fuasgladh do ghearaston Ghiberalter, a shea séisd thrì bliadhn’ ’an aghaidh na Spàinne ’s na Frainge. Rinneadh sìth ris na dùthchannaibh sin, mu’n aon àm an do nàisgeadh an t-sìth ri America. Feudar a ràdh nach iad na nithe so gu h-àraidh eachdraidh na h-Alba; bha ’cuid féin aig Alba de gach dosgainn ’us cruadal a bha ’n lorg nan cogaidhean ud. Bu Ghàel Albannach a bha ’deanamh na bàrdachd mu dhéighinn na chunnaic e féin “an America thall,” a thuirt, “Gur lionmhor oganach curanta Dheth na chuireadh an ceann; ’Us gus an eighear an t-sith ’D e cha ’n innsear an call.” Bha sìth aig Breatunn, ’s ’feudar a ràdh aig an Roinn-Eòrpa, o nàisgeadh an t-sìth ri America gus an do thòisich an iorghail mhòr ’s an Fhraing ’s a’ bhliadhna 1789. Bha iochdarna na rìoghachd sin gu ro mhòr air am fòirneartachadh le ain-tighearnas an luchd riaghlaidh ré ùine fhada roimhe sud. Ach air a’ bhliadhna so dh’ éirich luchd àiteachadh na tìre le chéil’ ’an aghaidh an luchd riaghlaidh, nan daoine mòra, ’s tighearnan an fhearainn; agus mar thuil a sguabus roimpe gach gàradh ’us comhara crich’ a bhios ’na rathad, thilg iad bun os ceann na h-uile gnè ughdarrais aimsireil us spioradail ’s an rìoghachd; roinn iad am fearann ’us dreuchdan fa leth na rìoghachd mar a thogair iad, ’s cha bu dàna le rìgh no ridir a radh gu’m b’olc. ’S e ’s dòcha gu’m biodh na Frangaich air an cùisean a’ chur air seòl le ni éigin de chéill ’s de riaghailt ’n uair a dh’ fhalbhadh cuthach ’us boil na fòirneirt diùbh, na’m biodh iad air am fàgail dhoibh féin gu sin a dheanamh. Ach mar a ghabh rìghrean ’us luchd riaghlaidh eile na Roinn-Eòrpa mòr eagal gu’n éireadh an cuid iochdarana féin air an dòigh cheudn’ ’an ceannairc, ’s ann a dh’ fheumadh cuid diùbh a dhol ’s an eadraigin gu gnothuichean na Fraing’ aiseag gu an ceud staid. Chaidh Impire Austria, ’s rìgh Phrusia ’an comh-bhoinn air son an aobhair so, ’s chruinnich iad feachd cumhachdach leis an do do bhris iad a steach air taobh deas na Frainge. ’N uair a thuig na Frangaich an t-aobhar mu’n robh ’mòr shluagh ud a’ tighinn ’n an aghaidh, thàinig am bànaidh buileach orra. Cha’n earbadh iad gnothuch cudthromach sam bith ris an rìgh no ri ’luchd chomhairle; ’s thug iad uaith’ am faileas de chumhachd a bha iad air fhàgail aige. Chuir iad dheth ’n chaithir buileach e, ’s dhruid iad suas ’am priosan e; ’s an ùine glé ghoirid thog ’us dh’ armaich ’us dh’iunnsaich iad àireamh shaighdearan leis an do sgiùrs iad air falbh am Pruisianach ’s an t-Austrianach o’n crìochaibh, ’s an do ruith iad thairis air na ceàrnaibh tuathach de’n Roinn-Eòrpa ris an abrar an Tìr-iochdrach. Thug iad aig an àm cheudna fiadhachadh do na h-uile slaugh ’s an Roinn-Eòrp’ a bha sgìth dheth an luchd-riaghlaidh, iad a dh’ éiridh ’n an aghaidh ’s gu’n cuidichadh iadsan iad. ’N uair bha ’n cuid armailtean a’ ruith troimh ’n Tìr-iochdraich, dh’fhosgail iad seòladaireachd na h-aimhne Scheld, a bha Breatunn air gealltuinn a chumail dùint’ ’am fàbhar na h-Olaind. Ghabh Breatunn so mar leth-sgeul air son cogadh a chur an céill ’an aghaidh na Fraing. Air an aonamh là fichead de threas mìos a’ gheamhraidh, 1793, thàinig an Rìgh-chuairt Fhrangach gu a h-àirde le iad a thoirt ceann an rìgh, Luthais XVI., thun na h-ealaig. Chuireadh an sin mòran gu bàs tre an-amharus iad a bhi air taobh an rìgh. Bha a h-uile rioghachd ’s an Roinn-Eòrp’ a nis a’ cogadh an aghaidh na Fraing ach a trì. Bha ’n rioghachd sin car tamuill a’ fàilneachadh ’na comas féin dhìonaidh ri aghaidh na bha ’n sud de nàimhdean. Ach air do phàirtidh bu ghniomhaiche riaghladh na dùthcha fhaotainn, fo threòrachadh Robespierre ainmeil, thog na Frangaich orra; ’s dh’ fhàs iad cho dealasach ’s gu’n robh na nàimhdean a’ teicheadh rompa air gach làimh. Chuir cùirt Bhreatuinn armailt a null do’n Tìr-iochdraich a chuideachadh nan Gearmailteach ’an aghaidh nam Frangach; ach cha robh coimh-réit’ iomchuidh a’ measg luchd stiùiridh an airm, ’s cha robh seasamh aca ris na Frangaich. B’ éigin an t-arm Breatunnach a thoirt air ais do Shasunn. Bha ’n càbhlach Breatunnach a’ deanamh sgathaidh eagalaich air luingeas chogaidh nam Frangach, ach air tìr bha na Frangaich mar bu tric’ a’ buadhachadh. Agus anns a’ bhliadhna 1795 tharruing Tuscani, Prusìa, agus an Spànn air falbh o’n chomh-bhoinn ’an aghaidh na Frainge. Bha gainne mhòr ’am Breatunn air a’ bhliadhna so; ’s bha ’n cogadh a’ meudachadh prìs gach seòrsa bìdh. Bha muinntir Shasuinn gu h-àraidh air an dorranachadh cho mòr le so, ’s gu’n tug mòran diùbh ionnsuidh air inneal-siubhail an rìgh ’n uair a bha e ’dol a dh’ fhosgladh na Pàrlamaid, air son a bhi ’leantuinn air a’ chogadh ’s iad gu bàsachadh le gorta. Ré dhà bhliadhna ’an déigh sud cha d’ rinn Breatunn ach glé bheag còmhnuidh le Austria, a bha nis ’na h-aonar a’ cogadh ’an aghaidh na Frainge. Anns a’ bhliadhna 1796 thòisich Napoleon Bonaparte a’ togail a chinn ’s an arm Fhrangach. Bu mhac fir lagha Napoleon, ’an eilean Chorsica, air taobh siar na Frainge. Fhuair e ’fhòghlum ’an aon de àrd sgoilean saighdearachd na Frainge. Thòisich e aig dreuchd glé iosal ’s an arm; ach bha e ’dìreadh gu maith cabhagach. Ràinig e nis air a bhi ’na Sheanalair air a’ chuid de ’n arm a bha ’s an Eadailt; o’n là a fhuair esan command an airm, cha robh ach buaidh an déigh buaidh ga cosnadh gus an d’ fhuadaich e na h-Austrianach a mach gu buileach as an Eadailt. Thug so air Austria sìth a dheanamh ris an Fhraing. Bha aig Breatunn a nis ’na h-aonar ri bhi ’cath ri cumhachd na Fhraing. Bha mòran de na h-Eireannaich glé mhì-riaraichte fo chuing Bhreatuinn, agus chuir iad air a’ bhliadhna so fiadhachadh thun an luchd-riaghlaidh Fhrangaich cuideachachadh a chur thuca gus a’ chuing Shasunnach a thilgeadh [TD 251] [Vol. 8. No. 32. p. 3] dhiùbh. Sheòl càbhlach Frangach, air bòrd an robh ochd mìle deug saighdear a nall gu oirthir Eirinn. Ach shéid doinionn ghaoithe cho garbh ’n an aghaidh ’s gu’n do philleadh air an ais iad do’n Fhraing an déigh ceithir de’n cuid luingeas a dhol as an rathad agus aon diubh a bhi air a glacadh leis na Sasunnaich. Goirid an déigh so dh’ aom luchd riaghlaidh na Frainge cùirt na Spàinne gu dhol ’an comh-bhoinn riu féin ’an aghaidh Bhreatuinn. Thoisich a nis an cogadh da rireadh air taobh Bhreatuinn. Air a’ cheathramh là deug de cheud mhìos an earraich, 1791, fhuair an t-Admaral Sasunnach, Sìr Iain Ierbhis buaidh air a’ chàbhlach Spàinneach aig àite ris an abrar Cape St. Vincent. Ghlac e ceithir de’n cuid luingeas. Ged tha na nithe air a bheil iomradh ’s na h-earrannaibh so ni ’s coslaiche ri eachdraidh na Roinn-Eòrpa na ri eachdraidh Alba, gidheadh tha e feumail do’n leughadair fios a bhi aig air na nithibh so gu a thuigsinn gu ceart ciod a b’ aobhar do ’n ùpraid a thòisich ’an Gàeltachd Alba mu ’n àm so ’an co-cheangal ri togail dhaoin,’ agus a dh’ oidhirpicheas sinn innseadh ’am briathraibh co tearc ’s a ghabhas deanamh. Ged a rinneadh lagh goirid an déigh bliadhna Theàrlaich leis an robh ùghdarras nan tighearnan Gàelach thairis air an cuid tuatha gu bhi air a bhriseadh, ’s a réir nach feudadh an tuath-cheathairn a bhi ni b’ fhaide air chomhairl’ an ceann cinnidh, gidheadh fhuaradh a mach gu’n robh uiread de ’n t-seann nòs fathast a’ measg nan Gàel, ’s nach faighteadh àireamh sam bith dhiubh gu gabhail ’sa ’n arm mur biodh an ceann-cinnidh, no co dhiù na daoin’ uaisle a b’ fhaisg air ’s an dùthaich a’ dol air thoiseach orra. Cha b’ urrainn luchd riaghlaidh na rìoghachd so a leasachadh. Agus ’s e smuainich iad cothrom a ghabhail air anns a bhi ga thionndadh gu ’m feum ’s an goireas féin. Thòisich iad a’ toirt Commission no barantas do gach uachdaran fearainn fa leth réisimeid a thogail air a chuid fearainn féin, ’s a’ toirt òrduigh dha mar an ceudna oifigich a shuidheachadh os an ceann mar a thogradh e, agus barantais nan oifigeach sin gu bhi ris air an daingneachadh leis an rìgh. ’N uair a bha ’n gnothuch mar so air fhàgail eadar an t-uachdaran ’s an tuath-cheathairn, bha iadsan gu h-iomlan aig toil an uachdarain. Cha robh cùirt cheartais ann gus an togadh fear sam bith a bha aindeònach air a dhol do’n arm a chùis. Cha robh ann dhoibh ach a bhi umhal do’n uachdaran, no a chuid fearainn fhàgail, ’s a dhol do cheàrn’ eile far am feudadh iad a bhi air an glacadh air son an aobhair cheudna. A’ tòiseachadh aig bliadhna Theàrlaich anns na thogadh réisimeid Iarla Loudein, chaidh ceithir réisimeidean fichead a thogail ’s a Ghàeltachd gus a’ bhliadhna 1800, anns an robh trì mile fichead fear ’n uair a thogadh iad, ’s a bha tarruing an cuid dhaoin’ an déigh sin o’n Ghàeltachd mar a dh’fheumadh iad. Bha iad so gu seirbhis a dheanamh ’an àite sam bith de ’n t-saoghal, far am faiceadh tighearnas iomchuidh an cur. Agus a thuilleadh air so thogadh ’s a’ Ghàeltachd eadar a’ bhliadhna 1760 agus 1800 sea réisimeidean fichead ris an abradh iad Dionadairean (Fencibles) a bha gu seirbhis a dheanamh ’am Breatunn no ’n Eirinn. Bha neart nan réiseimeidean so gu mòr ag eadar dhealachadh. Bha iad o sheachd ceud gu dà mile ’s trì cheud. Tha cuid beò fathast, cha cha’n e mhàin aig am bheil cuimhn’ air an fheadhainn mu dheireadh de na réisimeidean so a thogail, ach a bha gu h-achdaidh a’ deanamh suas pàirt diùbh. An deigh do Napoleon Bonaparte a bhi cho soirbheachail ann am fuadachadh nan Austrianach a mach as an Eadailt, thòisich e ’fàs car ceannasach air an luchd-riaghlaidh a bha os a cheann. Ach gu faotainn cuibhteas e ’an dòigh a bhiodh feumail do sheirbhis na dùthcha chuir iad do ’n Eiphit e anns a’ bhliadhna 1798, air cheann buidheann lìonmhor de ’n arm gus an tìr sin a cheannsachadh dhoibh féin, ’s gu’m biodh e ni b’ fhusadh dhoibh o’n dùthaich sin cothrom fhaotainn air impireachd Bhreatuinn ’s na h-Innsibh a ’s ear. Bha Napoleon soirbheachail ’na chuid féin de’n ghnothuch. Fhuair e buaidh air na h-Eiphitich; ach bha’n t-Admaral Sasunnach, Nelson, air an oirthìr, ’s thug e ionusuidh air a’ chàbhlach Fhrangach, an déigh do na saighdearan tìr’ an casan a thoirt leò, agus sgrios no ghlac e na luingeas Fhrangach uil’, ann an Camus Abucir, air a’ cheud là de cheud mhìos an fhoghair. An deigh sin ghabh Napoleon air aghart do Shiria, ’s bha dol leis gus an do chuir an Riaghlair Turcach, le còmhnadh na Sasunnach, air ais e aig St. Jean d’ Acre. Phill e ’n sin do ’n Eiphit far an do choisinn e blàr eile faisg air an àit’ ’s an do chaill e ’n càbhlach. Fhuair e mach ’an so nach robh tighearnas na Fraing’ a’ tighinn air aghart gu ro mhaith. Fhuair e soitheach beag anns an do sheòl e gu folchuidh a nall do’n Fhraing le rùn a’ bhuidheann aig an robh an tighearnas a thilgeadh bun os ceann, agus fhaotainn ’na làimhaibh féin. Fhuair e fear dìleas, Lisies, gus a chuideachadh ’s a’ ghnothuch. Fhuair se e féin air òrduchadh le Comhairle nan Seanar gu bhi ’na cheannard air a chuid de’n arm ris an abrar geard a’ bhaile. B’e ’n ceud char a rinn e ’n déigh so an luchd riaghlaidh atharrachadh o na Tulleries gu St. Cloud. Cha do leig e fada leò an sin an uair a chaidh e steach là àraidh air am muin leis an arm, ’s a dh’ fhuadaich e mach iad feadh an t-saoghail aig roinn na béigileid. Fhuair e ’n sin e féin air ainmeachadh ’na Cheud Chonsul, agus dithis eile còmhladh ris gu bhi ga chuideachadh. Bha trì buidheann eil’ ann fo ainmeachas luchd comhairle, ach ’s ann aig Napoleon a bha ’n cumhachd. Air a cheathramh là fichead de mhios deireannach a’ gheamhraidh, 1799, co luath ’s a chualas anns an Roinn-Eòrpa gu ’n do sgriosadh an càbhlach Frangach chaidh trì no ceithir de na rìoghachdan eil’ an comh-bhonn ri Breatunn ’an aghaidh na Frainge. B’ aon diubh sin Austria, ’s thòisich i air ath chosnadh nan àitean a thug Napoleon uaithe roimhe sin. Ach an déigh do Napoleon oidhirp a thoirt gu diomhain air sìth a dheanamh ri Breatunn, chaidh e do’n Eadailt le dà fhichead mìle fear, ’s thòisich e air na h-Austrianaich a sgiùrsadh air falbh mar a rinn e roimhe. Bha Breatunn a’ bhliadhna roimhe so air cur cuig mile deug thar fhichead fear a null do’n Olaind gus na Rusianach a chuideachadh ann am fuadachadh nam Frangach a mach as an dùthaich ud. Ach b’ éigin doibh a dhol air tìr le sìde mhì-fhàbharraich ’an àite ’s an robh cus cothroim aig na Frangaich orra; agus ’s e bh’ ac’ air son an turuis gu ’m b’ éigin doibh cothrom a thighinn air an ais gun ghrabadh sam bith a cheannach, le ochd mìle prìosunach Duitseach no Frangach a bha’n làimh ’an Sasunn a leigeadh fa sgaoil. Bha Ard Sheanalair Frangach eile ann da ’m b’ ainm Moreau aig an robh command air an roinn de’n fheachd a chuireadh do ’n Ghearmailt. Bha esan cho soirbheachail ’s a’ Ghearmailt ’s a bha Napoleon ’s an Eadailt. Thug so air rìoghachdan na Roinn-Eòrpa sìth a dheanamh ri Napoleon, a chaidh a nàsgadh ’s a cheud mhios de’n bhliadhna 1801. Bha crìochan na Frainge gu mòr air am farsuingeachadh leis an t-sìth ud. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Mac Righ nan Eileanan. CAIB. XXX. Bha Asad ’na dheadh shnamhaiche, agus cha robh e fada ’toirt am mach tir; oir bha ’ghaoth agus an fhairge ’g a chuideachadh. B’e ’cheud rud a rinn e an deigh faotainn gu tir taing a thoirt do Dhia a thug saorsa dha, araon o bhith air a bhathadh, agus a lamhan nan daoine olc, eucorach a bha ’dol ’g a iobradh air a bheinn theine. An sin chuir e dheth a chuid aodaich, agus an uair a dh’ fhaisg e an t-uisge as, sgaoil e air na creagan e, far an do thiormaich e ann an uine ghoirid. An uair a chuir e uime a chuid aodaich, leig e e-fhein ’na shineadh gus beagan fois a ghabhail, agus e fo bhron trom, araon a chionn gu’n d’ thainig mi-fhortan mor ’na rathad, agus a chionn nach robh fhios aige ciod an duthaich anns an robh e, no co an taobh air an tugadh e ’aghaidh. An uair a bha e greis ’na shineadh, dh’ eirich e, agus choisich e air aghart ri bruaich a’ chladaich. Mu dheireadh thachair frith-rathad ris, agus lean e roimhe air coiseachd fad dheich latha troimh dhuthaich anns nach robh duine ’gabhail comhnuidh. Cha robh aige ach a bhith ’tighinn beo mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e air measan agus air luibhean fiadhaich a bha ’tachairt ris. Mu dheireadh rainig e bruach aimhne bige a bha faisge air baile mor. Agus dh’ aithnich e gu’m b’ e so baile nan draoidhean, anns an d’ rinneadh droch dhiol air fhein, agus anns an robh a bhrathair Amgiad ’na ard-chomhairleach. Thug so aoibhneas mor dha, agus chuir e roimhe nach rachadh e an coir aon de luchd-aoraidh an teine, agus nach bruidhneadh e ri neach sam bith ach ri Mahomedanach; oir bha cuimhne aige gu’m fac’ e cuid dhiubh anns a’ bhaile a cheud uair a chaidh e ann. O ’n a bha ’n t-anamoch ann, agus o’n a bha na buithean air an dunadh, agus nach robh ri fhaicinn air na sraidean ach fior bheagan dhaoine, smaoinich e gu’n cuireadh e seachad an oidhche anns an ait-adhlacaidh a bha faisge air a’ bhaile, far an robh uaighean air an togail le mullaich chruinn orra. Fhuair e dorus aon diubh fosgailte, agus chaidh e steach gus an oidhche chur seachad innte. Feumaidh sinn a nis tilleadh ri Behram. Beagan uine an deigh dha Asad a thilgeadh leis a’ chliathaich, chuartaich na loingeas chogaidh aig banrigh Margiana an long aige air doigh ’s nach robh rathad aige air teicheadh. B’ i an long air an robh Margiana a’ cheud te a tharruinn ris a chliathaich aige, agus o nach robh doigh aige air e fhein a dhion na b’ fhaide, phaisg e na siuil mar chomharradh gu’n robh e ’g a thoirt fhein suas mar phriosanach. Chaidh a’ banrigh fhein air bord, agus dh’ fheoraich i dheth c’àit’ an robh an cleireach a thug e gu h-ann-dana air falbh as an luchairt aice. Fhreagair Behram, “Oh! a bhanrigh! tha mi ’mionnachadh dhuibh nach ’eil e air bord agam idir. Ma rannsaicheas sibh an long gu math, bidh fios agaibh gu’m bheil mi neo-chiontach.” Ghrad dh’ ordaich Margiana an long a rannsachadh gu mion, ach cha robh an duine a bha i cho toileach fhaotainn ri fhaighinn air bord. Bha i suidhichte gu ’m faigheadh i e, araon a chionn gu ’n robh tlachd mor aice dheth, agus mar an ceudna a chionn gu’n robh i gu nadarra gle chaoimhneil, truacanta. An uair nach d’ fhuaradh e, bha i ’dol a mharbhadh Bhehraim le a laimh fhein; ach chuir i stad air a laimh, agus ghabh i greim (Air a leantuinn air taobh 254.) [TD 252] [Vol. 8. No. 32. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 16, 1900. AFRICA MU DHEAS. Tha Cona fathast beò. Cha deachaidh mi le saighdearan Chanada ’dh’ ionnsuidh a’ chogaidh chruaidh, fhuileachdach a tha ’dol air aghaidh aig an àm so ann an Ceann mu Dheas Africa. Tha mi le m’ uile chridhe air taobh nam Breatunnaich ann an stri nan lann; oir tha mi gle chinnteach gur ann aca tha ’n ceartas, agus gu d’ rinn na Boeirich olc ’us aingidheachd, ’us cealg anabarrach. Nam bithinn anns a’ chogadh tha dochas laidir agam nach tionndaidhinn mo chulthaobh ris an nàmhaid, ach gu deanainn spairn ghaisgeil na aghaidh. Ged ghabh mi beachd air abhaistean mosach nam Boeireach o cheann bliadhna no dha, cha robh idir amharus agam gu robh iad a’ deanamh deas co dian, durachdach, uaigneach airson aramach nimheil an aghaihh Bhreatuinn; oir is i Breatuinn a thug doibh saorsa air tus, agus a chum iad ann an tearuinteachd bho iomadh nàmhaid gaisgeil, borb. Tha moran a nis a’ faotainn coire do luchd-riaghlaidh Bhreatunn, agus a’ cumail a mach ann an tigh na Parlamaid agus air feadh na dùthcha, gur iadsan a thug an cogadh air aghaidh, do bhrigh nach robh iad glic ’us faicilleach gu leoir, agus gu do bhuin iad gu cruaidh, an-iochdmhor ri Crugair agus a luchd-comhairle. Cha ’n ’eil focal firinn anns an t-seanachas so, oir is i so ’choire ’dh’ fhaodas gach duine ’thabhairt an aghaidh luchd-riaghlaidh Bhreatunn, gu robh iad tuille ’s caoimhneil ris na Boeirich mhosach, agus gu tug iad comas do Chrugair gunnachan mora ’s fudair ’us peillearan a cheannach anns an Roinn-Eòrpa, ’s an tabhairt gu h-uaigneach, seolta do ’n Transbhaal, a chum gu deanadh iad feum diubh an aghaidh an ard-uachdarain Breatunn, an uair a thigeadh an t-àm iomchuidh airson crioch a chur air ainm ’us cliu ’s ughdarras Bhreatuinn ann an Ceann mu Dheas Africa. Tha ioghnadh an diugh air duine gu robh iadsan a bha ’g amhairc thairis air coirean ’us cuisean Bhreatuinn co dall no co caoin-shuarach, do bhrigh nach tug iad fios ’us rabhadh geur do Bhreatunn gu robh na Boeirich le dichioll cealgach, laidir, a’ deanamh deas airson crioch a chur le faobhar a’ chlaidheimh air ughdarras Bhreatunn gu buileach. On thoisich an cogadh nochd luchd-riaghlaidh Bhreatuinn dealas ’us tapadh ’us eud iongantach ann an cur saighdearan agus iomadh innil cogaidh le deifir shonruichte gu Ceann mu Dheas Africa. Bho thoiseach an t saoghail cha deachaidh saighdearan a ghiulan ann an doigh co sgiobalta, tearuinte ’s a tha iad air an giulan a nis eadar Breatunn agus Africa mu Dheas. Ged tha feachd lionmhor, cumhachdach aig Breatunn ann an Africa mu Dheas maille ri iomadh ceannard, is gle bhochd a fhuaradh iad fathast. Cha ’n ’eil na h-euchdan ach gle shuarach a rinn an fheachd Bhreatuinneach an aghaidh nam Boeireach. Tha na saighdearan gle dhuineil agus gaisgeil. Ma tha sgil ’us comas ’us tapadh mor aig na ceannardan, is gle bheag de na buaidhean sin a tha iad a’ nochdadh. Ma ghabhas ceannardan a’s fhearr fhaotainn, thainig an t-àm anns am bheil e ro-iomchuidh gu gairmeadh Breatunn na ceannardan nach ’eil a’ deanamh maith air bith dachaidh, agus gu cuireadh i ceannardan gu fada ’s fhearr ann an inntinn, ann an seoltachd, ann an gaisge ’s ann an cruadail ’n an àite. Tha e fior gu bheil an laoch Roberts, agus an curaidh meamnach Citchener a nis ann an Africa. Tha dochas laidir aig gach Gaidheal gu dean an da shaighdear ainmeil so gniomharan mora, ’s gu treoraich iad saighdearan dearga àluinn Bhreatuinn gu buaidh; agus gu tig crioch gu diongmhalta air a bhi ’laimhseachadh laoich ghasda air doigh co truagh, diblidh, bochd, mar a dheanadh balachain, air chor ’s gu bheil moran saighdearan eireachdail ’n am priosanaich ann an lamhan nam Boeireach. Bha agus tha cridhe gach Gaidheal thall ’s a bhos gle mhuladach, tiamhaidh, do bhrigh gu deachaich iomadh ceatharnach flathail anns na Reisimeidean Gaidhealach a mharbhadh, oir threoraich an ceannardan baoghalta iad gun ghliocas, gun fhaicill, gu daighneach an nàmhaid, far an deachainh an gearradh sios, gun chomas a bhi aca air iad fein a dhion mar bu ghnath doibh. Thainig tàmailt agus call eagalach nàrach air Reisimeidean iomraiteach nan Gaidheal, agus air an Fhreiceadan Dubh maille ri cach. Is fonnmhor briathran Mhàiri Nic Eallair mu ’n Fhreiceadan Dubh: Leomhain churanta ’n am cruadail, Dhuibh bu dualach buaidh ’s an ar-fhaich. Sliochd nam mili reachdmhor, uaibhreach, ’Bha ’n an uamhas do gach namhaid. B’ eutrom ’ur ceum anns gach cruadal, Mar bu dual do Mhic nan Gaidheal, ’Bha mar fheidh nam beannaibh fuara, Gun chuing, gun bhuaraich, gun sgath orr’. Tha Breatunn a’ dol a dh’ fhaotainn buaidh ann an Africa mu Dheas. Cuiridh i sios le lamh laidir aramach brùideil nam Boeireach. Bithidh suaicheantas Bhreatunn a’ crathadh anns an t-soirbheas thairis air Africa mu dheas gu leir. Gheibh i ceannardan ard-chridheach, gaisgeil, a ni gniomharan a’s modha, ’s a’s treubhaiche, ’s a’s cumhachdaiche na rinn Methuen, ’us Buller, ’us Gatacre ’s an companaich gus an latha ’an diugh. CONA. Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH,—’S fhada bho ’n nach do sgriobh mi ni sam bith a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA. Bha Calum Mac Illle-mhaoil a feorach dhiom c’arson nach robh mi a sgriobhadh a dh’ ionnsuidh “a phaipeir.” Cha robh e duilich a thuigsinn gu de am paipear a bha e ciallachadh. Cha do fhreagair mi a cheist gu ro mhath, ach thubhairt mi ris nach biodh an uine fada gus an sgriobhainn. Tha Calum agus Domhnull a bhrathair a faotainn MHIC-TALLA, agus ’s maith a dh’ fhaodadh Domhnull coir sgriobhadh, oir tha e na sgoilear math Gailig; agus bha e cunntas mor bhliadhnaichean na aon de na comhairlean (councillors) ann an Artemesia. Cha ’n ’eil mi ’g radh gun d’ thug sin mor as fheum e air son a bhi sgriobhadh Gailig. Ach feumaidh mi a dhol a dh’ ionnsuidh gnothaichean eile a nis. Bha geamhradh gle mhaith againn an so o’n a thainig e stigh. Bha side gu maith reota againn air an t-seachdain s’a chaidh seachad. Chaidh an inneal a bhios ag innseadh na side sios 20° fo zero, agus saoilidh mi gu robh sin fuar gu leoir. ’S iomadh duine bochd a tha fulang fuachd san dùthaich le cion doigh air connadh fhaotainn. Bha cruinneachadh mor aig Comunn nan Gaidheal ann ’sa bhaile so, bhe chionn mios air ais. Bha am piobaire ainmeil, Mr. Murray, a Toronto, aig a chodhail, agus bu bhriagha a bhi ag eisdeachd ri ceol na pioba mar a bha i air a cluich leis. Chuir iad seachad feasgar cridheil le cluich de gach seorsa. Bha moran de luchd nan ceann liatha na ’n suidhe shuas faisg air a phiobaire, agus bha an casan a falbh a cumail tim ri ceol na pioba. Bha iad a smuaintean gun robh iad òg a ris. Ach, mo chreach! ’nuair a sguir a phiob chuimhnich iad gun deachaidh aighear na h-òige seachad, agus nach robh anns an spiorad a dh’ eirich suas annta le bhi a cluinntinn ceòl na h-òige ach bruadar a chunnaic iad leth-cheud bliadhna air ais, agus bha air an oidhche ud air an seinn ’nan cluasan nithe a thug orra a bhi smuaintean gu ’n robh “an òige air a nuadhachadh mar iollair luath nan speur.” Bha Iain Mac Artair na cheann-suidhe, agus lion e an dreuchd gu maith. Dh’ fhalbh gach aon a dh’ ionnsaidh an dachaidhean fein mu uair ’sa mhaduinn toilichte leis na chunnaic ’s na chual’ iad. Tha mi faicinn gu bheil Bodachan a’ Ghàraidh cho beò ’sa bha e riamh. Feumaidh mi fheòrach dheth gu de tha bhi “friogadach agus frogadach” a ciallachadh. Cha ’n i Gàilig Mhuileach no Thirisdeach a th’ anns na facail ud, agus feumaidh gur e Gàilig air choir-eigin eile tha aige. Ach taing dha air son na tha e toirt dhuinn de dh’ fhiosrachadh far a chuain, agus ’s math a theid aige air sin a dheanamh, an duine coir. Agus gu ma fada beò e air son a bhi sgriobhadh Gailig. Tha na timeannan beagan ni ’s fhearr na bha iad. Ach tha moran a’ gearan air cho gann ’sa tha ’n t-airgiod, ged tha gu leor aig cuid dheth. Tha gu leor anns an tir nam biodh e air a roinn air gach aon a reir fheuma. Tha moran tinneis ’s an àite; ach tha iad a faotainn beagan ni ’s fhearr a nis na bha iad. Tha ’n comanachadh ri bhi san eaglais Chleirich an so air an t-Sàbaid ’sa tighinn anns a Ghailig. Bidh e ’sa Bheurla air an t-Sàbaid ’na dheigh sin. Chaidh an t-seann eaglais Chatliceach ’sa bhaile so ’thoirt an nuas, oir cha robh seirbhis innte o cheann moran ùine. Rinn muinntir a bhaile so aonadh ri coithional Pomona, agus chuir iad suas eaglais mhor, bhriagha an sin a chumas cho maith ri seachd na ochd a cheudan pearsa. Tha gach ni an sin air son a bhi comhfhurtail do dhuine ’s do ainmhidh. Tha àit-adhlacaidh mor faisg air an eaglais a chaidh a chur air doigh air an t-samhradh s’a chaidh. ’Se nighean do Iain Moireastan, aois da bhliadhna air fhichead, a cheud aon a chaidh amhlacadh anns a chladh ùr. Agus an sin bidh lag is laidir, beag is mor, (Air a leantuinn air taobh 255.) [TD 253] [Vol. 8. No. 32. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha cuid-eigin ann an Sidni Tuath aig an àm so ’ga chumail fhéin trang a puinnseanachadh chon, agus tha iadsan leis ’m bu leis na coin gu dichiollach a feuchainn ri fhaotainn. Tha duìl ri Mr. H. M. Whitney agus Mr. Moxham a bhi ann an Sidni mu dheireadh na seachdain so. Tha Mr. Moxham a cur roimhe tigh a thogail faisg air a bhaile, air an t-samhradh s’a tighinn—tigh a chosgas mu dheich mile fichead dolair. Chaidh da fhichead us da mhile tunna guail a chur a mach a mèinn an Reserve air a cheud mhios dhe ’n bhliadhna so. Chaidh tomhas mor guail a chur a mach a mèinnean na roinne uile air a mhios sin—tri fichead us coig mile deug tunna a bharrachd air na chaidh a chur a mach air ceud mhios na bliadhna ’n uiridh. Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Murchadh Domhnullach a mharbhadh ann am mèinn an Dominion, maduinn Di-mairt s’a chaidh. Bha e frithealadh aon de na h-innealan, agus air dha bhi leis fhéin aig an àm cha ’n eil fhios ro mhath ciamar a thachair. Thatar a smaoineachadh gu ’n d’ rug an rop air a chota ’s gu robh e air a dhraghadh a stigh fo ’n drum, far an robh e air a mharbhadh mu ’n d’ thainig duine ’n rathad a bha e. Cha robh e ach fichead bliadhna dh’ aois. Bhrist teine mach anns an eaglas Shasunnaich mu aon uair deug oidhche Di-ciaduin, agus bha milleadh mor air a dheanamh oirre mu’n d’ fhuaireadh a chur as. Bha toll mor air a dheanamh air an ùrlar, cinn cuid de na suidheachain air an losgadh agus aon de na h-uinneagan daithte air a bristeadh. Thoisich an teine anns an ùrlar direach os ceann an fhùirneis. Tha an call air a mheas aig $400. Tha iadsan a bha ’cur as an teine ri ’m moladh air son cho math ’sa rinn iad an obair. Chaidh tigh a bha mu leitheach eadar Bridgeport us Glace Bay ’na theine maduinn Di-satharna s’a chaidh, agus bha nighean coig bliadhn’ deug a dh’aois, agus gille deich bliadhna dh’ aois, air an losgadh gu bàs ann. Bha da theaghlach a fuireach anns an tigh,—Mrs Farrell, agus Mrs Nic-an-t-Saoir le ’n cuid chloinn. Bha Nic-an-t-Saoir ’sa teaghlach a’ cadal air an lobhtaidh, agus an uair a dhùisgeadh iad leis a cheò mu bheul an latha bha ’n staidhre ’na teine ’s cha b’urrainn daibh a tearnadh. Leum i-fhein a mach air an uinneig, ag iarraidh air a piuthair, Mairi Steele a bha fuireach comhla rithe, a chlann a thilgeadh sios g’a h-ionnsuidh. Fhuaireadh an triuir chloinne a shàbhaladh air an doigh sin, ach an àite leum a mach i-fhein an uair sin, thill an nighean a stigh a rithist feuch am b’urrainn dhi gille le Mrs Farrell, a bha na chadal air an lobhtaidh cuideachd, a shabhaladh. Cha deachaidh sin leatha, agus chaill i-fhein a beatha comhla ris, agus ’n uair a fhuaireadh an cuirp ann an droighneach an taighe bha greim ac’ air a cheile. Fhuair cach as gun dochunn sam bith. Cha deachaidh ni dhe na bha dh’innsridh am broinn an taighe a shabhaladh ach òrgan. Thatar a deanamh a mach gu’n do thòisich an teine le éibleagan a thuiteam as an stobh air feadh na h-oidhche. Tha muinntir Denmark an deigh da mhile dheug bocs’ ime a chur gu Bana-Phrionnsa Wales, air son a chur a dh’ ionnsuidh nan saighdearan Breatunnach an Africa a Deas. Di-ciaduin s’a chaidh fhuair na Seanalairean French agus Gordon a dhol a tuath air an amhuinn Modder, a cur an teicheadh air na Boers, agus a glacadh coig laagers, agus moran de bhiadh ’s de nithean feumail eile. Bha teas anabarrach agus stoirm ghainmhich ann aig an àm, agus tha na saighdearan Breatunnach a faotainn cliu mor air son na rinn iad. Tha na gearradairean agus an luchd-obrach eile anns na mèinnean guail an Nobha Scotia, ag iarraidh àrdachadh tuarasdail air an t-samhradh s’a tighinn—coig sentichean an tunna bharrachd do na gearradairean, agus deich sentichean air an dolair dhaibh-san a tha air tuarasdal latha. Chaidh an t-àrdachadh sin a ghealltuinn do mhèinneadairean Cheap Breatunn cheana, agus mar sin cha bhi aca ri strì sam bith a dheanamh air a shon. Tha eagal air muinntir an da Shidni aig an am so gu faod a bhreac tigh’nn ’nan rathad, leis cho pailt sa tha i ann an aiteachan eile as am bheil daoine tighinn a sireadh obrach a h-uile seachdain. Tha i ann an Ontario, an Cuebec, anns na Stàidean, agus a nise ’n New Brunswick, agus cha’n urrainnear, mar sin, ach a bhi car iomguineach an so, oir cha bhiodh e doirbh sam bith a toirt ann. Fhuaireadh fios an so a Moncton N. B., deireadh na seachdain s’ a chaidh gu robh fear Murray Mac Gilleain, a mhuinntir Shidni air an aon charbad ri fear a tha nise na laidhe tinn leis a bhric. Chaidh maoir a bhaile air a thoir cho luath ’sa fhuaireadh am fios; fhuair iad a mach oidhche D-imairt far an robh e fuireach, agus uaithe sin tha e fhein us fear a bha cadal comhla ris air an cumail air leth o dhaoin eile. NA GADHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. D. C. Mac-an-t-Saoir, Cleveland, Ohio. Capt. Eben Mac Amhlaidh, Gloucester, Mass. Domhnull Domhnullach, Spokane, Wash. Domhnull Mathanach, New York. Domhnull Lamont, Detroit, Mich. M. D. Domhnullach, Edgartown, Mass. I. H. Staples, Lissan, Eirinn. An t-Urr. I. Mac Fhionghain, Springbank, Ont. I. D. Mac-Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont. Iain Dughlach, Sowerby, Ont. D. Domhullach, Sturgeon Falls, Ont. D. Mac Ailpein, Lunnainn, Ont. Anna P. Lamont Tiverton, Ont. D. I. Domhnullach, Greenfield, Ont. Dughall Mac Gilleain, Priceville, Ont. Domhnull Mac ’Ille-mhaoil, Priceville, Ont. Iain Mac-a-Mhaighstir, Laggan, Ont. Raonull Mac Eachain, St. Andrew’s, N. W. T. I. I. Domhnullach, Dawson, Y. T. Niall Seathach, Rosebery, Man. D. Mac Eoghain, Brandon, Man. Capt. Calum Mac Leoid, Vancouver, B. C. Janetta Nic Phail, Summerside, P. E. I. Seumas Mac-an-Toisich, Stellarton, N. S. Alasdair Caimbeul, Strathlorne. Iain Domhnullach, Ceap Nor. M. L. Mac Fhionghain, Point Clear. S. Mac Neacail, an Amhuinn Mheadhonach. An t-Urr. Niall Curry, Loch Ainslie. Colla Caimbeul, Iron Mines. Domhull F. Beutan, Mabou. I. A. Mac Gilleain, L’Ardoise. Raonull Domhnullach, Kempt Road. R. A. Mac Ascuill, Fourchu. Iain Mac Fhionghain, Sydney Mines. D. H. Mac Leoid, Framboise. A. Feargastan, Loch Lomond. Tormod Mac Gille-mhicheil, Glace Bay. Domhnull Domhnullach, Soldier’s Cove, Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Sidni, Ruairidh Moireastan, Goose Cove. THA Saoiread a Bhathair a tha sinn a creic a mach a sior tharruinn aire dhaoine. Nach tarruinn na prisean a leanas t’ aire-sa:— Brogan obrach dhaoine ’s ghillean (Split Bal.) 80c Leintean troma Gingham 26c Triubhsairean Troma de chloth gorm 90c Leintean briagha geala 48c Anart buidhe (36 oirlich a leud) 3c an t-slat. Flannelette 5c. 7c. 9c. & 10c. an t-slat. H. H. SUTHERLAND & CO. Air Seann Larach Thormaid Dhomhnullaich. A Dhaoin’ agus a Mhnathan Uaisle THA AGAINNE Cotaichean agus Colairean Bein, Tha toil againn an creic, Agus a chionn gu bheil an geamhradh a dol seachad, bheir sinn dhuibh deagh chunnradh; creicidh sinn na th’ againn dhiubh gu math na’s isle na na prisean. J. C. MILLS. Na diochuimhnich gu bheil againn an stoc a’s motha ’s a’s fhearr seorsachaidh a th’ anns a bhaile de Shoithichean Creadha, agus gu faigh thu, cha mhor, soitheach de sheorsa sam bith a bhios a dhith ort. J. C. MILLS. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 254] [Vol. 8. No. 32. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 251.) air an luing ’s air an luchd, agus chuir i Behram agus na seoladairean air tir air a’ chladach. Rainig Behram agus na seoladairean baile nan draoidhean air a’ cheart oidhche air an d’ rainig Asad, agus stad iad aig an ait-adhlacaidh anns an robh e. Agus o’n a bha geatachan a’ bhaile air an druidheadh, chuir iad rompa gu ’n cuireadh iad an oidhche seachad anns na h-uaighean, agus gu’n rachadh iad a steach do’n bhaile an uair a bhiodh na geatachan air am fosgladh anns a’ mhadainn. Gu mi-fhortanach, ghabh Behram air thuiteamas thun na h-uaghach anns an robh Asad ’na chadal, agus ’fhalluinn paisgte m’ a cheann. Chual’ Asad fuaim na coiseachd, agus thuirt e, “Co tha sid?” Ghrad dh’ aithnich Behram a ghuth. “Hah, hah!” ars’ esan, “is tusa an duine a chuir as mo lamhan a h-uile dad a bh’ agam ris an t-saoghal. Ged nach deachaidh d’ iobradh am bliadhna faodaidh tu ’bhith cinnteach gu ’n teid d’ iobradh an ath bhliadhna.” An uair a thuirt e so, rug e air Asad, agus air eagal gu ’n glaodhadh e, chuir e a neapaiginn pocaid na bheul, agus cheangail e fhein ’s na seoladairean e. Cho luath ’s a dh’ fhosgladh geatachan a’ bhaile anns a’ mhadainn, thug Behram, agus na seoladairean leotha Asad gu ruige taigh an t-seann duine a fhuair greim air an toiseach, agus a rinn a leithid de dhroch dhiol air. Agus air eagal gu’n tachradh daoine riutha air an rathad, ghabh iad troimh na sraidean a b’ iomallaiche agus a b’ uaigniche a bh’ anns a’ bhaile. Cho luath ’s a rainig iad, chuireadh Asad anns a’ phriosan fhuar, dhorcha anns an robh e roimhe. Dh’ innis Behram do ’n t-seann duine an t-aobhar a thug air tilleadh, agus a mi-fhortan a thainig ’na rathad. An uair a chual’ an seann slaoightire mar a thachair, thug e ordugh teann dha dhithis nighean gabhail air Asad mar a b’ abhaist dhaibh. Bha eagal uamhasach air Asad an uair a fhuair e e-fhein a rithist ann an lamhan a sheann namhaid, a rinn a leithid de dhroch dhiol air, agus bha e ’ga dheanamh fhein cinnteach gu ’n deanteadh an tuilleadh de throm-dhioghaltas air. Bha e gu trom a’ caoidh air son na trioblaid a bha e fulang an uair a chunnaic e Bostama a’ dol a steach far an robh e, agus bata laidir aice anns an dara laimh, agus aran is soitheach uisge anns an laimh eile. Cha mhor nach robh e grad mharbh leis an eagal an uair a chunnaic e i. Agus bha e ’smaointean air na bh’ aige ri fhulang mu ’n tigeadh ceann na bliadhna, agus air a’ bhas a bh’ aige ri fhulang ’na dheigh sin. Cha robh Bostama cho fior chruaidh-chridheach ris ’s a bha i an uair a bha e an toiseach anns a’ phriosan. Bha e ’deanamh a’ leithid de ghlaodhaich ’s de ghearain agus de ghuidhe oirre leigeadh leis ’s gu ’n do ghabh i mu dheireadh truas dheth. Thoisich i ri sileadh nan deur comhladh ris, agus thuirt i, “Mo thighearna, tha mi ’g iarraidh mile mathanas air son cho cruaidh-chridheach ’s a bha mi ’g ad bhualadh an uair a bha thu an so roimhe, agus air son na rinn mi ort an drasta. Gus a so bha eagal orm cur an aghaidh aithne m’ athar. Tha corruich mhor air riutsa, agus tha e suidhichte air do chur gu bas. Ach a nis is fuathach leam an doigh bhruideil leis am bheil e buintuinn riut. Gabh misneach: cha deanar an tuilleadh uilc ort. Feuchaidh mise, le caoimhneas a nochdadh dhut, ri thoirt ort na dh’ fhuiling thu de dh’ eucoir a leigeadh as do chuimhne, agus dioladh a dheanamh air son na rinn mi de dh’ olc ort. Gus a so bha mi ’na do shealladh ’nam as-creidmheach. Ach a nis faodaidh tu amharc orm mar aon a tha dhe’n aon aidmheil riut fhein. Bha mi air m’ iompachadh le aon de seirbhisich. Agus tha dochas agam gu’n toir thusa barrachd fiosrachaidh dhomh na tha agam mu nithean spioradail. Gus a nochdadh dhut gur ann ag innseadh na firinn a tha mi, tha mi ’g iarraidh mathanais air an Dia bheo air son na rinn mi de pheacadh an uair a bha mi cho fior chruaidh riutsa; agus tha earbsa agam gu’n toir e dhomh comas air thusa ’chur saor.” Fhuair Asad comhfhurtachd mhor o na briathran a labhair i ris. Thug e buidheachas do’n Uile-Chumhachdach air son an atharrachaidh a thug e air a cridhe. Thug e mar an ceudna taing dhi fhein air son an deadh ruin anns an robh i dha. Agus cha d’rinn e dearmad air iomadh fiosrachadh agus comhairle mhath a thoirt dhi mu thimchioll an fhior chreidimh. Dh’ innis e dhi mar an ceudna gu’m bu mhac righ e, agua mu thimchioll gach eucoir is trioblaid is deuchainn agus bron a dh’ fhuiling e o oige. An uair a bha e cinnteach gu’n robh i lan shuidhichte air cul a chur ris an olc, agus dluth leantuinn ris a’ mhath, dh’ fheoraich e dhi cia mar a b’ urrainnn i na dh’ innis i dha a chumail an cleith air a piuthar Cabhama, agus bacadh a chur oirre o bhith deanamh droch dhiol air mar mu ghnath leatha. “Na cuireadh sin dragh sam bith ort,” ars’ ise, “is aithne dhomh fhein doigh leis an cum mi i gun tighinn ’nad choir.” Rinn i mar a gheall i. Bha i fhein a’ dol do’n phriosan far an robh e, agus cha robh i ’leigeadh a pheathar ’na choir. An aite aran is uisge ’thoirt ga ionnsuidh mar bu ghnath leatha, is ann a bha i ’toirt aran is fion, agus a h-uile biadh eile a b’fhearr na cheile g’ a ionnsuidh. Bha i fhein gu math tric a’ gabhail a bidh comhladh ris, agus a’ toirt misneach agus comhfhurtachd dha. (Ri leantuinn.) BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. Um. TURNER, Fear-gnothuich. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. Faic ar Bathar Nollaig. dec. 8, ’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 16, 1899, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] Tha ’n tim air son Old Tank agus Grand Lake Sidings air a toirt seachad a mhain air son seoladh do ’n luchd-obrach. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 255] [Vol. 8. No. 32. p. 7] (Air a leantuinn o thaobh 252.) co-shinte ’san uaigh le cheil’, ’s cha ’n eirich iad tuille gus an teid an cruinne-ce ’na smàl. O’n a thoisich mi air sgriobhadh thainig aiteamh mhor, agus air reir coslais bheir i air falbh an sneachd air fad, agus bidh na roidean nan deigh uile, cho mor ’s nach seas feannag a chas. Ach theid aig an fheannaig air itealaich; ach cha teid aig na ladies air sgiathan a chur orra fein nuair a dh’ fheumas iad dol a mach, agus thig orra dhol a dh’ ionnsaidh a “Ghobha Dhuibh,”—Iain Mac Rath—agus cruidhean a chur orra, mu ’n urrainn doibh a dhol astar sam bith. Tha mi nis a smaointinn gu ’m bheil an t-àm agam sgur; sgriobh mi gu leor. Cha ’n eil e freagrach a bhi feuchainn foighidin an fhir-dheasachaidh tuille ’sa choir, oir tha sinn cinnteach gur e duine th’ ann coslach ri daoin’ eile, agus mar is trice tha aobhar aige bhi ni ’s mi-fhoighidneach na duine sam bith eile, oir tha aige ri deiligeadh ri gach seorsa do ’n t-sluagh; ach saoilidh mi gu ’n dean na Gaidheil uile gu maith ris mar is trice, agus nach bi iad a toirt aobhar dha bhi trod riutha uair sam bith. Feuchaidh mi ri litir mhor eile a sgriobhadh an ùine gun bhi fada. Soirbheachadh maith leibh air gach àm. Is mi ’ur caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Feb. 9, 1900. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. The Sydneys’ Ferry Co., Ltd. RUITH AN AISEIG. TIM CHLAR. Gus an toirear fios air atharrachadh seachad, bidh am bata ruith gach latha, mar a leanas:— A FAGAIL SHIDNI. 6.30 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. SHIDNI TUATH. 6.15 a. m. 8 a. m. 9 a. m. 10 a. m. 11 a. m. 12 noon. 2 p. m. 3 p. m. 4 p. m. 5 p. m. Victoria Pier.—Tha na bataichean a tha fagail aig 9 a. m. ’s aig 4 p. m . a taghal aig Victoria Pier. Tursan Direach.—Tha na bataichean a tha fagail aig 10 a. m. ’s aig 3 p. m. a dol direach eadar an da bhaile. J. A. YOUNG, Manager. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 256] [Vol. 8. No. 32. p. 8] Brosnachadh Catha. LEIS AN URR. A. MAC-GILLEAIN SINCLAIR. FONN.—“Scots, wha hae wi’ Wallace bled.” Duisg, a Bhreatainn, a do shuain. Glac do chlaidheabh glas gu cruaidh. Tilg air falbh a d’ laimh an truaill, ’S gluais le d’ shluagh do’n spairn, Biodh do chabhlach laidir, briagh, Deas a la ’s a dh’ oidhch’ gu’ d’ dhion, Bho luchd-farmaid feargach, fiat’. Le ’m bu mhiann do bhas. Doirt gu fial am mach an t-or, Cuir do shaighdearan air doigh, ’S biodh gach uidheam ac’ a’s coir ’Dhol an comhdhail namh. Tog do bhratach bhoidheach, mhin, Buail an druma, seid a phiob, ’S biodh na fiurain a’s glan li, Fagail tir an graidh. Biodh do luingeas luath a falbh Thar nan tonn le d’ ghaisgich chalm’, ’Chasg nan creachadairean garg’ ’Dh’ uraich t’ fhearg an drasd. Biodh do ros ri crann ’sa ghaoith, Biodh do sheamrag ghrinn ri ’thaobh, ’S biodh do chluaran leo fo aoidh ’Falbh thoirt saors’ is aigh. Thig bho Chanada nan craobh, Bho Astralia nan raon, ’S bho New Zealand nan gleann caoin’ Fir nach claon bho d’ shail. Innis dhaibh ’sna h-Innsibh aosd’ Gu bheil feum agad air daoin’, ’S thig gu grad ceud mile laoch ’Theid ri d’ thaobh an sas. ’S Breatannaich gach sluagh fo d’ reachd Ann an ainm is ann am beachd; Earb ri Dia le inntinn cheart, ’S buail le sgairt ’sa bhlar. Bi mar leoghann garg fo ghreann, ’Sracadh bhalg ’s spealgadh cheann, ’S fuil fo ’spoig a ruith mar allt Ann an gleann an air. Bi mar stoirm a gheamhraidh fhuair ’Tigh’nn le colg bho ’n airde tuath; Sneachd a tuiteam gaoth ri fuaim, ’S cathadh cruaidh ’s gach ait. Bi mar theine lasrach, dian, ’Leum troimh choille ’mach ri sliabh, ’S lusan, preasan, ’s craobhan briagh’ A dol sios nan smal. Biodh do ghunnachan le treoir ’Bruchdadh griosaich dheirg bho ’m beoil Mu do naimhdean guineach, seolt’, Feadh nam frog ’s nan carn. Spad a sios na Buraich bhreun’, Thoir gu umhlachd iad ’s deagh bheus, ’S cum Taobh thall na Vaal gu leir Fo d’ laimh fhein gu brath. Brisd gach cuing is slabhraidh chruaidh Chuir na daoin’ ud air do shluagh, ’S thoir gun dail dhaibh saorsa bhuan Bho gach truaigh’ is cradh. Belfast, P. E. I., Ian. 18, 1900. Mo Mhathair. Rinneadh na rannan a leanas le fear Seumas Mac ’Ille-mhaoil, a tha chomhnuidh am Melbourne, an Australia. Tha aon de phaipearan na Gaidhealtachd ’g an clo-bhualadh, a meas gu bheil iad freagarrach an àm do aireamh cho mor de dhaoin’ oga bhi falbh as an duthaich do’n chogadh. Tha iad freagarrach anns an doigh cheudna air an am so an Canada, ’nuair a tha moran de ’cuid mhac a’ falbh airson na ceud uair a chogadh do dhuthaich chein. O, beannachd leat, a mhathair, Is beannachd leat le muirn: ’S e dh’ fhag gu tinn ’s fo phramh mi Gun abhachd no gun sunnd, Nach fhaod mi fuireach laimh-riut, ’S a mheudaich dealt mo shuil; Mo chridhe tha ’ga sgaineadh, ’S mo mhanran chaidh air chul. Gur cianail leam bhi d’fhagail, A’ mhathair ghradhach ruin Gu tir fad as gun chairdean, Gun fhardach no gun smuid; Ach ’de ged theid bho d’ lathair ’S bho shealladh blath do shuil, Cha di-chuimhnich mi gu brath thu Gus ’n cairear mi ’s an uir. Ged sgarar mi bho d’ leirsinn ’S a’s fheudar toirt riut cul, Na smaointich gu’n do threig mi An speis a thug air ghlun:— Mo chridhe tha cho blath dhuit ’S an uair a bha mi dluth; Cha ’n fhuaraich is cha traigh dhuit An gradh a thug air tus. Ged a tha mi aotrom, ’S ma dh’ fhaoidte air bheag tur, A’ siubhal cian ’s air faontradh, Taim daonnan leat ’an smaoin Ag cuimhneachadh ’nuair ’bha mi Fo sgiathan graidh do ruin, A mhathair na bi ’g radhuinn Gu’n d’ fhag mi thu air chul. Ma labhras tu na briathran, Gu’n d’ thriall mi bhuait gun saod, Gur sgolb a theid troimh m’ chliabh e ’Gam phianadh air gach taobh; Na ’n saoilinn fhein gur trian mi Gu liathadh fuiltean caol ’Nad cheann, a mhathair, dh’fheuchainn Am bliadhna ’bhi ri d’ thaobh. ’Nuair bhios mi ann am aonar ’S gun aon air bith mu’n cuairt, ’S ann chaillear mi ri smaointinn Mu ’m mhathair ’tha mu thuath, ’Na suidhe aig a’ ghealbhan Bhios cnamh air falbh gu luath Is ise ’cur ri cardadh ’S ri cladadh cloimh nan uan. Ged shiubhlainn air feadh riogh’chdan ’S gu tirean fad’ air chuairt, Cha’n fhaod gu’n teid air di-chuimhn’ An t-aon nach dibir luaidh; Urram ’thoirt g’ ar parantan Chaidh aithne dhuinn bho Shuas, Chum bhi buan ar laithean Air fearann Righ nam Buadh. Tha gaol peathar aithnichte, ’S e seirceil ciuin is foil; Tha gaol brathair furanach, ’S e duineil air gach doigh; Tha gaol leannain deothasach, Ach ’s sleamhainn faoin a pog: Ach gaol na mathair, mairidh e Gus ’n taisgear i fo’n fhoid. Nach tric a chluinneas tu, chaidh am fear ud a chur gu bàs leis a’ chlaidheamh, chaidh am fear ud eile a bhàthadh, chaidh am fear ud le creig, ’s bhrist e ’amhach, chaidh am fear so a thacadh le greim bìdh, is bhàsaich am fear ud eile a’ cluith? Tha cuid air an losgadh le teine, cuid air am marbhadh le cogadh, cuid air an giùlan air falbh le plàigh, agus cuid air am mort. Mar sin ’s e deireadh gach duine am bàs, ’s tha beatha mhic-an-duìne ag iathadh air falbh mar fhaileas. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 257-264] [No. 33. a dhìth] [TD 265-272] [No. 34. a dhìth] [TD 273] [Vol. 8. No. 35. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MART 30, 1900. No. 35. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. X. Bha sgiobair na luinge ’na dhuine còir do ’m b’ aithne a ghnothach a dheanamh gu math ’s gu ro mhath air muir ’s air tir. Ge b’e uair a bheireadh e sìneadh-laimhe seachad, co dhiubh a b’ ann d’a chàirdean, no do dhaoine bochda; mar bu trice, cha bu nì beag no suarach a bheireadh e dhaibh. Bha tuarasdal mòr aige, oir bha e ’na dhuine earbsach; ach ged a bha, cha robh e ’cur moran ma seach. Ach cha b’ ann ris fhein a bha e ’cosg a thuarasdail; oir bha e ’caitheamh a bheatha anabarrach stuama. Bha e gle chuimhneach air cuideachadh a thoirt, o àm gu àm, dha pheathraichean ’s dha bhràithrean, agus do iomadh aon de chàirdean ’s de luchd-dàimh. Is minic a bha cuid dhiubh ’ga shàrachadh; oir, mar is tric a thachair, bha aon is aon ’nam measg a bha bleideil gu leòr. O’n a bha esan gun dragh teaghlaich air, bha iad an duil nach robh crioch air na bha e cur ma seach dhe ’thuarasdal mòr. Ach tha smùdan fhein a ceann gach fòid, ’s a bhròn fhein aig gach neach, agus ged a bhiodh tighinn-a-staigh math aig iomadh duine, faodaidh nach bi comas aige air mòran a chur ma seach. Cha ’n aithne do na h-uile duine cia mar a chuirear airgiod ma seach, agus is docha gu ’m bheil sin cho math; oir tha daoine gu nàdarra gle bhuailteach air an cridheachan a shocrachadh air an ionmhas a tha iad a’ tasgadh dhaibh fhein air an talamh. Ach cha ’n ann aig an ionmhas a tha ’choire idir, ach aca fhein. Chuir Dia an t-ionmhas anns an talamh a chum gu’m faigheadh daoine e, agus gu’n deanadh iad feum iomchuidh dheth. Dh’ éirich do ’n sgiobair mar a dh’ éirich a dh’ iomadh fear a bharrachd air, bha e mòran na b’ fhearr gus airgiod a chosnadh na bha e gus airgiod a chur ma seach. Mar bu trice b’ ann do na rioghachdan thall a bhiodh e ’seòladh, agus an uair a chitheadh e nì iongantach sam bith, cheannaicheadh e e, agus an uair a thigeadh e air ais do’n rioghachd so, bheireadh e seachad mòran de na nithean so dha ’chàirdean. B’ e ’n cuimhneachan a bha e gus a thoirt do bhean Aonghais ’ic Callum, céis ghrinn le aghaidh ghlaine innte, làn de dh’ eòin bheaga, bhòidheach nach ’eil ri ’m faicinn anns an rioghachd so idir. Gus a’ chéis so fhàgail sàbhailte aice, chuir e fear dhe na làmhan gu tìr leatha. Bha Domhull a’ dol gu tìr aig a cheart àm. Bha mu dhà mhìle ’dh’ astar eadar an cladach agus taigh Aonghais, agus air an rathad a dh’ ionnsuidh an taighe, thuirt Domhull ris an t-seòladair, gu’n robh ’na bheachd teicheadh air falbh anns an luing, nam b’urrainn da. Dh’ innis e dha mar a bha ’bhanamhaighstir cho cruaidh air, agus ged a bhiodh i cho math dha ’s a b’ urrainn a bhith, nach fhanadh e aig a’ bhuachailleachd. Thuirt e ris mar an ceudna, ged a bhiodh aige ri ceud mìle a choiseachd gu baile-puirt, gu’n teicheadh e air falbh latha no latha eiginn, o’n a chuir e ùigh buileach glan ann an seòladh. Bha’n seòladair ag éisdeachd ris gu foighidneach car ùine. Mu dheireadh thuirt e ris, “Is iomadh giullan òg a bharrachd ortsa a bha’n dùil gu’n còrdadh seòladh ris gus an d’ fheuch e e, agus is docha gur ann mar sin a dh’ éireas dhutsa ged a gheibheadh tu air falbh anns an luing. Ach innsidh mise dhut ciod e ni mi riut; ma bhios mise ’faire a’ nochd leigidh mi sìos ròpa leis a’ chliathaich, agus ceanglaidh mi air bòrd e cho teann ’s nach fuasgail do chudthrom-sa e. Ma gheibh thusa dòigh air tighinn thun na cliathaich faodaidh tu greim a dheanamh air, agus ma tha nadar an t-seòladair annad, streapaidh tu air bòrd ann an tiotadh. Ach na caraich o thir gus am faic thu mise ’leigeadh an lainntear sios leis a’ chliathaich dà uair, agus ’g a thogail a rithist. Ach cia mar a gheibh thu thun na cliathaich? Am bheil bàta beag ann a bheireadh tu leat?” “Snàmhaidh mi thun na cliathaich. Is iomadh uair a shnàmh mi tarsuinn na h-acarsaid, agus cha’n ’eil ach leith an astair sin eadar an long is tìr. Mur téid agam air streap do ’n lùing snamhaidh mi air ais gu tìr,” arsa Domhull. “Tha eagal orm, a laochainn, gu ’m bàthar thu. Is fhearr dhut gun oidhirp a thabhairt idir mur faigh thu geòla bheag. An téid agad air seoladh a dheanamh? ma théid, is ann is dòcha thu faotainn gu bòrd gun daoine ’g ad chluinntinn. Ach feumaidh tu ghealltainn dhomhsa an toiseach, nach innis thu gu ’n d’ thug mi cuideachadh sam bith dhut. Tha ’n sgiobair gu mòr an aghaidh dhuinn duine sam bith a leigeadh air bòrd gun fhios dha, agus air an aobhar sin, ma chuirear ceisd ort, cha ’n fhaod thu innseadh gu ’n dubhairt thu aon fhacal riumsa,” ars’ an seòladair. Bha Domhull greis samhach an déis dha so a chluinntinn. An sin thuirt e, “Cha dean mi breug air son rud sam bith. Gheall mi dha m’ athair mu ’n do dh’ eug e nach deanainn breug; ach thuirt e rium nach ruiginn a leas a h-uile ceisd a chuireadh daoine orm a fhreagairt. Agus ma dh’ fhaodas mi cha leig mi orm gu ’n robh fios agadsa gu’n robh mi gus a dhol gu bord. “A nis, ma gheibh thu air bord,” ars’ an seoladair, “na biodh eagal sam bith ort gu ’m marbh an sgiobair thu, ged a bhios e am maoidheadh do mharbhadh. Ach air na chunnaic tu riamh na abair gu ’n robh thu faighinn droch ceartas o d’ bhana-mhaighstir. Tha ’n sgiobair ag radh gur i boirionnach cho còir ’s cho caoimhneil ’s a chunnaic e riamh.” Anns an àm bha iad air tighinn dlùth do’n taigh, agus thuirt an seòladair, “Faiceam nach innis thu gu’n dubhairt mise aon fhacal riut. Cha robh mi air misneach sam bith a thoirt dhut mur b’e gur e teicheadh gun fhios a rinn mi fhein. Bha mi latha ’s oidhche air bòrd mu ’n d’ fhuaradh am mach gu ’n robh mi ann. An uair a bha ’n t-acras ’gam tholladh b’ eiginn domh tighinn as an fhalach anns an robh mi.” Cha robh an corr eatorra aig an àm. Thug an seòladair seachad a’ chéis do bhean Aonghais, agus gun dàil sam bith, thill e thun a’ chladaich, agus chaidh e air bòrd. Chuir Domhull seachad am feasgar a’ cuideachadh na bhanachaig aig an eadradh mar a b’ àbhaist dha; ach ged a bha e ’g obair, cha b’ ann air an obair a bha’n aire aige. Bha e suidhichte gu’n tugadh e oidhirp air faotainn air bord na luinge, eadhon ged a b’ e snàmh uice a dheanadh e. Bha e ’g ràdh ris fhein gu ’n robh e coma ged a bhaithteadh e. An uair a bha ’n t-eadradh agus gach obair eile a bh’ aige ri dheanamh seachad, dh’ iarr e cead a dhol a dh’ amharc air a mhàthair. Fhuair e sin. Bha dà aobhar aige air son cead iarradh a dhol a dh’amharc air a mhàthair air an fheasgar ud. Bha toil aige aon sealladh dhith ’fhaicinn mu ’m falbhadh e; ach cha b’ ann gus innseadh dhi gu ’n robh ’na bheachd falbh. Cha ’n innseadh e sin dhi air na chunnaic e riamh; oir na’n innseadh, bha fhios aige gu’n ceangladh i e mu’n leigeadh i leis falbh gu muir. Ged nach robh e ach òg, bha e glé chruaidh leis cùl a chur ri ’mhàthair agus ris a’ chloinn. Theireadh daoine ris gu math tric, gu’m feumadh e bhith gu math dha mhàthair o ’n a b’e bu shinne dhe’n teaghlach, agus nach robh math dha cùl a chur rithe air chor sam bith gus am biodh an triuir a b’òige na e air chomas obair a dheanamh. Bha e ’faicinn gu’n robh a chomhairle so ceart, agus gun robh i a réir an ni a bha ’na inntinn fhein. Smaoinich euair is uair air a’ chùis, ach bha e ’toirt air fhein a chreidsinn gur ann le falbh a sheòladh a b’ fhearr a rachadh aige air cuideachadh a dheancmh le ’mhàthair. B’ e ’n t-aobhar eile a bh’ aige air son cead iarraidh a dhol a dh’ amharc air a mhàthair, gu ’m faigheadh e cothrom air a dhol thun a’ chladaich anamoch air an oidhche gun fhios gun fhaireachadh do neach sam bith; oir bha toil aige an cladach a ruighinn cho falachaidh ’s a ghabhadh deanamh. Agus o’n a bhiodh e roimhe sid a fuireach oidhche ’s oidhche ann an taigh a mhàthar, bha fhios aige nach biodh ionndrainn sam bith aca air ann an taigh Aonghais ged a bhiodh e oidhche air falbh. Bha’ inntinn cho bruailleanach ’s cho neo-shocrach fhad ’s a bha e air an rathad dhachaidh ’s gu ’n do chuir a mhàthair uidhearachd gu’n robh rud eiginn a’ cur dragh air cho luath ’s a chunnaic i e. Ach o nach aidicheadh e gu’n robh ni sam bith a cur dragh air, shaoil leatha gur e obair throm, no ’n cianalas a bh’ air, agus mar sin, cha d’ rinn i mòran ceasnachaidh air. Rud nach b’ abhaist dha, dhiult e greim bìdh a ghabhail uaipe, agus thug so oirre ’bhith ’smaointean gu ’m feumadh gu ’n robh tinneas air choireiginn air ged nach robh e ’ga aideachadh. Mu dheireadh thuirt e gu’n robh an t-àm aige bhith falbh. Cha robh a mhàthair deònach a leigeadh air falbh o’n a bha greis dhe ’n oidhche air a dhol seachad, agus i glé dhorcha. Ach cha’n fhanadh e air chor sam bith. Thuirt e, mar leithsgeul, gu’n robh eagal air gu’m biodh a bhanamhaigh [TD 274] [Vol. 8. No. 35. p. 2] stir a trod ris mur rachadh e air ais an oidhche sin fhein. Dh’ éirich e na sheasamh gu falbh, agus ged a bha e ’cumail air fhein cho math ’s a b’ urrainn da, bha chridhe gu bristeadh le bròn. Bha dhithis pheathraichean ’nan suidhe aig an teine, agus bha bhrathair, an aon a b’ òige dhe ’n teaghlach, ’na chadal anns an leabaidh. Bha meas anabarrach mor aige air a bhràthair, agus ged nach faodadh e pòg is beannachd ’fhàgail aig a mhàthair ’s aig a pheathraichean air eagal gu’n gabhadh iad amhrus gu ’n robh ’na bheachd teicheadh, ghabh e far an robh a bhràthair ’na laidhe, agus thug e pòg dha. Gun fhacal a ràdh thug e’n doruis air, agus ged a chaidh a mhàthair thun an doruis feuch am faiceadh i e, cha robh sealladh aice air. Thill i steach gun dàil, agus leis mar a chuir a dhòigheann an dragh cho mòr air an inntinn aice, shuidh i earrann mhòr dhe ’n oidhche aig an teine a’ smaointean air. Thainig mìle smaointean fa chomhair a h-inntinn aig an àm. Ghabh i amhrus trom nach robh e ’faighinn ceartais ann an taigh Aonghais ’ic Callum, agus gu ’n robh iad tuilleadh is trom air ann an obair. O’n a bha fhios aice gu’n robh e gu nàdarra rud eiginn dùr, rag ’na dhòigheannan, bha i ’smaointean gur ann aige fhein a bha choire, mur robh cùisean a’ còrdadh ris. A dh’ aon ni, thuig i gu math gu ’n robh e gu buileach bhar a shiuil, ge b’e air bith a b’ aobhar dha. Mu dheireadh chaidh i do’n leabaidh, ach cha b’ ann gu cadal no tàmh. An àm dhi éirigh ’s a’ mhadainn thuirt i rithe fhein gu ’m b’ fhearr dhi ’dhol a null do thaigh Aonghais eadar sin ’s feasgar feuch am faigheadh i ’mach an robh Domhull a’ deanamh a dhleasdanais, no ’n robh e tinn. An uair a ràinig i cha robh sgeul air Domhull. Bha ioghnadh air Aonghas Mac Callum nach robh e tilleadh á taigh a mhàthar. Ach an uair a chual’ e gu ’n d’ fhalbh e as anamoch an oidhche roimhe sin, thuig e gu’n robh ni eiginn cearr. Rud nach b’ ioghnadh, chaidh a’ bhrantrach bhochd gu bron ’s gu tuiream. O nach robh duine mu ’n bhaile do ’m b’ urrainn sgeul a thoirt dhi m’ a dheidhinn, cha robh fhios aice co ’n taobh air an d’ thugadh i a h-aghaidh gus a dhol g’a iarraidh. (Ri leantuinn.) “Gu de so a chuala mi ’Phadruig? Am bheil e fior gu bheil thu dol a phòsadh a rithist?” ars an t-uachdaran ri fear de na daoine bh’air an fhearann aige. “Ma ta, le ’r cead,” arsa Padruig, “tha e cho fior ’sa chuala sibh e.” “’S gun ach gann tri miosan o na chaochail a cheud bhean ort?” ars’ an t-uachdaran. “Cha’n eil,” arsa Padruig, “ach ged nach eil fhein, saoil sibh, le’r cead, nach eil i cho marbh a nise ’sa bhitheas i am feasd!” MU ’N T-SOISGEUL. An deigh iomadh rannsachadh agus troimhe-chéile gun ghuth a’ thoirt air connspoid agus deasboid, faodaidh sinn a nis a bhi dearbhta gu’n robh na ceithir soisgeulan mar a tha iad againn anns an latha an diugh, ’nan ughdarras agus ’nam bun aig an eaglais òig anns gach àird, an taobh a stigh de sheachd fichead bliadhna an deigh bàs agus aiseirigh Chriosd. Tha na priomh-athraichean mar aon ri naimhdean na h-eaglaise ’gar toirt gus a’ bhreith so mar a tha (air taobh na h-eaglaise) Irenæus, Easbuig Lyons ann an Gaul, ris an canar an diugh, an Fhraing, agus Justin an Fhiadhnuis, fear a sgriobh leabhraichean, litrichean agus iomadh ni eile anns am bheil barrachd agus da chiad de ràidhean air an toirt o na soisgeulan. A’ thaobh a gharbh-chuid de na ràidhean cha ’n ’eil teagamh r’a chuir annta a thaobh am bunadais ged nach ’eil iad facal aìr an facal ionann ’s mar a tha iad againn anns na soisgeulan. ’Nam measg-san nach robh air aon bheachd ris an eaglais, bha Marcion, mu A. D. 140, a thubhairt gu’n cuireadh e, nam b’ fhior, ann an altaibh a’ cheile, as ùr, soisgeul ris an goirear “Soisgeul Phoil an t-Abstol.” B’e soisgeul Lucais, agus deich de litrichean an Abstoil Phoil, a bhitheadh ’nan ceann-steigh da obair. Sgriobhadh le Heracleon namhaid eile do’n eaglais, leabhar-mineàchaidh air soisgealan Lucais agus Eoin, agus tha, anns a’ bheagan a dh’ fhagadh againn de sgriobhaidhean Bhasilides, rannan a bhuineas do na ciad tri soisgeulan. Is Fianuisean iad so uile, gu’n deach an soisgeul ann an altaibh a chéile roimhe A. D. 140. Tha againn de na ceithir soisgeulan, da eadar-theangachadh a rinneadh anns an dara linn, ris an abrar an t-eadar-theangachadh Peshito-Syriac agus an t-eadar-theangachadh Laidinneach. Tha an dithis so ’nan dearbhadh cinnteach air gu’n robh an tiomnadh Nuadh air a sgaoileadh am fad agus am fagus gu math tràth anns an dara linn. Tha ’ga leigeil ris anns na soisgeulan mion-eolas air Ierusalem a tha na chomharradh air gu’n robh sealladh a shùla agus cuimhne a mheomhair aig an duine a sgriobh iad, air neo gu’n robh am baile fathasd ann agus fa chomhair, an àm da sgriobhadh; ach tha fios aig na h-uile gu ’n deach an Teampull agus Ierusalem gu h-iomlan a’ sgrios agus a leagail gu làr anns a’ bhliadhna 70 A. D. Tha so a filleadh a steach gu ’m bheil an diugh, an aon chumadh air na soisgeulan agus a bha orra gu math fada roimh chrioch na ciad linne. Is iomadh oidhirp a thugadh le naimhdean gus an soisgeul a’ chur bun os cionn, agus a dheanamh breugach. Bu gharg agus lionmhor na h-ionnsuidhean, agus bu treun, spairn chruaidh an eascaraid. Ach ma bha, cha b’ ann gun a leigeil ris gu’n d’ fhiosraich an luchd-séisd treise a’ chaisteil agus neart na daingnich. Nam b’ fhior dhaibh, fiachadh iad ri eachdraidh Julius Cæsar, agus Napoleon Buonaparte na ceart tagraidhean a chaidh fhiachann leo an aghaidh eachdraidh Chriosd; seadh, fiachadh agus bhitheadh e furasda gu leoir dhaibh a dhearbhadh, cha’n e a’ mhain nach robh eachdraidh nan dùilnach sin thar a’ chéile agus fad am mearachd, ach a bharrachd air sin uile nach robh na laoich riamh ann. Mar sin, thatar an còmhnuidh fiachainn ri a dhearbhadh ort, nach deach na soisgeulan a’ sgriobhadh gu ceithir ceud bliadhna an deigh Chriosd, no mar sin. Ach nam b’ ann mar sin a bha, ciod air a bha creideamh nan Criosduidhean a’ tighinn beò anns an eadar-thrath? Tha fathast air sgeul, agus bithidh, tha mi an duil, gu la-bhràth, litir bho Phliny gus an Impire Trajan, ag iarraidh a chomhairle air a thaobh nan Criosduidhean. Agus b’e comhairle an Impire, gun Pliny a dhol a’ shireadh nan Criosduidhean, ach a mhàin am peanasachadh nan rachadh an toirt fa chomhair. Agus is e so bu chiall do’n fhacal “peanasachadh;” na Criosduidhean a’ chòmhdachadh le tearr agus an losgadh ’nam beatha; an toirt do na béistean fiadhaich; an reubadh as a’ chéile; am bàthadh; gabhail orra le sgiùrsan gus an tigeadh na cnàmhan agus na buill-cuirp is fhaide asteach ris; agus gach dòigh bàis a b’ eagallaiche na ’chéile. Gidheadh, is fior ainneamh a dheanadh iad an creideamh ’fhàgail, ionnus gu ’n do ghabh an naimhdean iongantas do-labhairt, ged a bha iad cleachdta ris na h-uile seòrsa oillt agus foirneart. Nach b’i an seasmhachd-san a mhiorbhuil iongantach? Cha ghabh an seasmhachd a’ thuigsinn mur robh soisgeul ann. Ghuidheadh iad gu math agus gu ro math do na mortairean a bha ’gam pianadh agus ’gan reubadh. Sin a’ mhiorbhuil eile a bheir bàrr air gach miorbhuil, oir ge iongantach uisge a’ tighinn á creig ri iarraidh Mhaois, is iongantaiche na sin beannachd agus deagh ghuidhe an duine a tha ’fulang, dhaibh-san a tha ’toirt a’ chraidh agus a gheur-chraidh air. Is iad maimhdean na h-eaglaise a tha nam fianuisean air a’ mhiorbhuil ud, agus is furasda miorbhuil sam bith eile a’ chreidsinn ’na dheigh. Mar so, chi sinn nach tigeadh an eaglais beò mur bitheadh an soisgeul ann. Thòisicheadh an soisgeul gun teagamh ann am beul-aithris; ach bhitheadh daoine grùnndail an sud ’s an so, a’ sior iarraidh eachdraidh sgriobhte cruinn, ceart, earbsach, chum ’s gu’m bitheadh dealbh-inntinn aca air òrdugh, daimhealachd, càirdeas agus ceangal a bha fuaigheal gniomharan an t-Slanuighear ri chéile. Bha seanachaidh a’ dhith air an eaglais agus ma leughas sinn dara litir an Abhstoil Phoil do na Corintianaich (VIII. 18 19) chi sinn gun robh, ann am beachd an Abstoil, fear do’n tigeadh eachdraidh a’ sgriobhadh gu math. Agus tha beul-aithris agradh gu ’n robh Pol an lathair an uair a sgriobhadh an treas soisgeul, agus gu ’n do ghabh e làmh ann. Tha an soisgeul a reir Lucais air a sgriobhadh ann am fior dheagh Ghreugais gu ruig an coigeamh rann. Na dheigh sin, tha caochladh clò air a’ chainnt, agus tha dath agus buaidh na teangaidh Eabhruich a’ tighinn oirre, no an coigeas (dialect) sin dhith ris an abrar “Armaic” a bu chainnt do na h-Iudhaich uile ’nan tir féin ri linn an Tighearna. Leanaidh blas na h-“Aramaic” air Greugais an t-soisgeulaiche gu ruig an seachdamh no an t-ochdamh rann thar da fhichead de’n dara caibideil. Cha robh an naomh Lucas na shùil-fhianuis air òige an Tighearna, agus cha robh air uachdar an t-saoghail a dh’ fhaodadh eachdraidh na h-òige sin a’ thoirt seachad ach aon té a’ mhàin agus b’i sin Muire, agus bi “Aramaic” a bhitheadh aice-se mar chainnt. Sgriobhadh soisgeul Mhata, a reir barail, airson nan Iudhach, muinntir leis an bu tric a’ cheist so a’ chur—Am bheil faisneachd ar fàidhean air an deanamh fior ann an Iosa, ris an abrar Criosd? An esan an neach a bu chuspair do uirghiollan nam fiosaichean? Mur e, cha bhi taobh againn ris,—agus bu bheag an t-ioghnadh dhaibh aig ro mheud an dòigh agus an earbsa as na fàidhean aca, mar a bha cubhaidh, iomchuidh gu leòir. Ma’s e Muìre a b’ urras do na sgriobh Lucas a’ thaobh òige an Tighearna, tha e coltach gur e a fear a b’ urras do na sgriobh Mata d’a thaobh cheudna. Faic féin, a leughadair mar a choinnich Ioseph an t-aingeal agus thoir breith air a so—Co dha a b’ fhearr a b’ aithne an sgeul ’innseadh na do’n fhear a bha thall ’s chunnaic? Nach ann dha fhéin a thigeadh ’innseadh, meud an teagaimh a dh’fhairich e an àm do’n Aingeal bruidhinn ris, seadh agus an iomaguin a thainig air an àm da dol fo a smaointean gu trom, cràiteach, gun fhios ciod eile a dh’ fhaodadh a ’bhi an dàn da. Is e Ioseph a tha bruidhinn ruinn troimh bhilean Mhata agus an uair a bha Mata a’ cur roimhe Criosd agus esan air a’ cheusadh a’ thoirt air beulthaobh a luchd-dùthcha, ruigeadh e Ioseph a dh’ fhaotuinn uaidh toiseach na h-eachdraidh iongantaich sin a bha ’na coimh-lionadh air briathran nam fàidhean o shean. Cha b’ urrainn do Mhata no do Lucas bun an sgeul ’innseadh as a thoiseach mur robh Ioseph agus Muire fathasd beò, agus cha’n ’eil teagamh mar so nach deach na soisgeil a sgriobhadh gu math fada roimh chrioch na ciad linne. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 275] [Vol. 8. No. 35. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. I. Fad iomadh bliadhna, b’ e Balsora ceanna-bhaile rioghachd a bha ’toirt cise do na righrean a bh’air Arabia. Ann an laithean an righ Haroun Alrashid, b’ e Sinebi an righ a bha ’riaghladh ann am Balsora, agus thairis air an rioghachd a bhuineadh do Bhalsora. B’ e clann nan dithis bhraithrean Haroun Alrashid agus Sinebi. Cha robh Sinebi a’ faicinn iomchuidh a bhi am freasdal aon ard-chomhairleach, agus air an aobhar sin roghnaich e dithis, Cacan, agus Saoudhaidh. Bha Cacan ’na dhuine ciuin, fialaidh, tlachdmhor, agus cha robh dad a b’ fhearr leis na bhith ’cur comain air gach neach ris am biodh gnothach aige; ach bheireadh e an aire nach deanadh e ni sam bith ach ni a bhiodh ann an co-cordadh us ceartas eadar duine agus duine. Mar so bha ’meas aig na h-uile air, araon anns a’ chuirt, agus mar an ceudna anns a’ bhaile, agus air feadh na rioghachd gu leir. Agus bha a h-uile neach ’g a mholadh. Bha Saoudhaidh air an laimh eile ’na dhuine mugach, gruamach, agus bha a h-uile duine mi-thoilichte dheth, ged a bha e ann an inbhe aird agus urramaich. An aite meas a chosnadh dha fhein leis an t-saoibhreas mhor a bh’ aige, is ann a bha e cho spiocach ’s gur gann a chumadh e biadh gu leor ris fhein. A dh’ aon fhacal, bha h-uile duine coma dheth, agus cha robh facal math aig duine sam bith ri radh m’ a dheidhinn. Ach b’ e am fuath a bh’ aige do Chacan an ni bu mho a bh’ aig daoine ’na aghaidh. Bu ghnath leis a bhith aig gach am a’ cur mi-chliu air Cacan, agus a’ feuchainn ris gach ni a b’urrainn e a chum Cacan a chur am mach air an righ. Air latha araidh, an deigh dhaibh a bhith air cheann na comhairle, bha greis de chomhradh taitneach eadar an righ agus na comhairlich mu thimchioll cochladh nithean. Mu dheireadh thoisich iad ri bruidhinn mu dheidhinn nam boirionnach a bha aig an am ud air an reic ’s air an ceannach gach latha anns a’ mhargadh, agus a tha air am meas anns an duthaich ud mar gu’m biodh iad co-ionnan ri mnathan laghail posda. Bha cuid dhuibh dhe’n bharail, nam biodh am boirionnach a cheannaicheadh iad, ’na boirionnach eireachdail, dreachar gu leor, gu’n deanadh i bean a cheart cho math ri te dhe na mnathan uaisle a tha daoine gu tric a’ posadh, cha ’n ann a chionn gu’m bheil iad maiseach agus tlachdar, ach a chionn gu’n d’ thainig iad o theaghlaichean measail, moralach. Bha Cacan, agus feadhain eile, a’ cumail am mach nach mor a b’fhiach boirionnach ged a bhiodh i anabarrach eireachdail, dreachar, tlachdar ri’ faicinn, mur biodh i geurchuiseach, glic, tuigseach, banail, aoidheil, agus fiosrach. Agus mar dhearbhadh air so, bha iad ag radh nach robh ni bu mho a bheireadh de thoileacaadh do dhuine aig am biodh gnothaichean cudthromach ri deanamh re an latha na bana-chompanach a bhith aige a a chuireadh seachad na feasgair ris le comhradh glic tuigseach, taitneach. Bha iad ag radh nach robh dealachadh mor eadar na bruidean agus na daoine a bha ’ceannach mhnathan eireachdail agus dreachar a chum a bhith ’g amharc orra, agus a’ riarachadh an ana-miannan. Bha’n righ gu buileach ag aontachadh le beachdan nam feadhnach so a labhair mu dheireadh, agus mar dhearbhadh air so, dh’ ordaich e do Chacan boirionnach og a cheannach dha a bhiodh anabarrach sgiamhach ri amharc oirre, agus a bhiodh mar an ceudna glic, tuigseach, fiosrach, geur-chuiseach. Bha eud air Saoudhaidh a chionn gu ’n do chuir an righ an t-urram so air Cacan, agus o’n a bha e de chaochladh barail ris, thuirt e, “Le ’r cead, a righ, bidh e gle dhoirbh boirionnach ’fhaotainn a bhios cho coimhlionta anns gach doigh ’s a tha sibh ag iarraidh; agus ged a gheibhteadh a leithid (rud is gann a chreideas mi) cha cheannaich deich mile bonn oir i.” “Tha mi faicinn,” ars’ an righ, “gu ’m bheil an t-suim gle mhor ’nad shealladh-sa; faodaidh i bhith mor ’nad shealladh-sa, ach cha ’n ’eil i mor ’nam shealladh-sa.” An uair a thuirt e so, thionndaidh e ris an ard fhear-ionmhais, agus dh’ ordaich e dha na deich mìle bonn oir a chur do’n taigh aig Cacan. Cha bu luaithe a chaidh Cacan dhachaidh na chuir e fios air na daoine a bhiodh a’ reic ’s a’ ceannach bhoirionnach, agus thug e ordugh teann dhaibh, nam faiceadh iad boirionnach og dhe ’n t-seorsa a bha dhith air, iad a thoirt fios dha gun dail sam bith. Araon a chum comain a chur air Cacan, agus a chum buanachd a chur ’nan rathad fhein, gheall iad gu’n deanadh iad na b’ urrainn daibh gu te fhaotainn a chordadh ris. Is gann gu’n robh latha nach robh iad a’ toirt te g’ a ionnsuidh; ach bha e an comhnuidh a’ faighinn coire air choireiginn annta. Air maduinn araidh an uair a bha Cacan a’ dol air muin an eich gu falbh do chuirt an righ, thainig fear dhe na ceannaichean far an robh e, agus thuirt e ris gu’n d’ thainig Persianach do’n bhaile air an fheasgar roimhe sid, agus gu’n robh boirionnach og aige ri ’reic a bha anabarraach maiseach—gu’n robh i na bu mhaisiche na boirionnach a chunnacas riamh—“Agus tha i ann an geurchuis, ann an eolas, agus ann am foghlum cho math ri neach a tha beo,” ars’ esan. Bha aoibhneas anabarrach mor air Cacan an uair a chual’ e so; oir bha fhios aige gu’n cordadh a naigheachd ris an righ an uair a chluinneadh e i. Dh’ ordaich e do’n cheannaiche am boirionnach a bhith aige anns an taigh air a choinneamh an uair a thilleadh e dhachaidh; agus ghrad ghabh e air aghart do chuirt an righ. Aig an uair ainmichte bha an ceannaiche aig taigh Chacain; agus an uair a chunnaic Cacain gu’n robh am boirionnach moran na bu mhaisiche na bha e an duil, thug e Bean na Maise mar ainm oirre. Bha e fhein ’na dhuine gle gheurchuiseach agus foghluimte, agus cha robh e fada ’comhradh rithe an uair dh’aithnich e nach robh e comasach aon te eile fhaotaiun a bheireadh barr oirre ann an doigh sam bith. Air an aobhar sin dh’fheoraich e dhe’n cheannaiche ciod a bhiodh am marsanta Persianach ag iarraidh air a son. “Mo thighearna,” ars’ an ceannaiche, “cha ’n ’eil moran aig an duine ri radh; ach tha e ’g innseadh dhomhsa nach reic e i air na’s lugha na deich mile bonn oir. Thug e mionnan dhomhsa gu’n do chosg e gle dhluth air an t-suim so ris na fhuair i do dh’ fhoghlum o ’n a cheannaich e i ’na paisde beag, gun guth a thoirt air a dhragh fhein agus na thug e dhi de bhiadh ’s de dh’aodach. Riamh o ’n cheannaich e i, bha e ’smaointean gu ’m b’ ann air righ a b’fhearr a fhreagradh i, agus thug sin air moran a chosg rithe. Cluichidh i air a h-uile seorsa inneal-ciuil na’s fhearr na te sam bith. Gabhaidh i orain, dannsaidh i, agus sgriobhaidh i na’s fhearr na neach sam bith. A bharrachd air so, ni i bardachd; agus is gann gu ’m bheil leabhar anns an t-saoghal nach leugh i. Cha robh a h-aon riamh dhe ’seorsa cho fiosrach agus cho ionnsaichte rithe anns gach doigh.” Thuig Cacan na b’ fhearr na’n ceannaiche gu ’n robh Bean na Maise ’na boirionnach anabarrach foghluimte, agus chuir e roimhe gu ’m feuchadh e ri ’ceannach gun dail. Agus chuir e aon dhe ’sheiebhiseach air thoir a’ mharsanta. Cha bu luaithe thainig am marsanta na thuirt Cacan ris, “Cha ’n ann dhomh fhein a tha toil agam am boirionnach a cheannach ach do’n righ; ach air a shon sin, feumaidh tu a toirt dhomh air pris a’s lugha na ’phris a tha thu ’g iarraidh oirre.” “Mo thighearna,” ars’ am marsanta, “chuirinn urram mhor orm fhein le a tairgse an nasguidh do’n righ, nam biodh e iomchuidh dhomh, anns an t-suidheachadh iosal anns am bheil mi, a leithid de thiodhlac luachmhor a thairgse dha. Cha’n ’eil mi ag iarraidh bonn air a son ach na chosg mi ri ard fhoghlum a thoirt dhi. Agus cha ’n ’eil agam ri radh ach gu’m bheil mi ’creidsinn gu’m bi an righ anabarrach toilichte leis a’ cheannachd.” Gun tuilleadh a radh, phaigh Cacan do ’n mharsanta a h-uile bonn a bha e ag iarraidh air a’ bhoirionnaich. An uair a bha am marsanta ’dealachadh ri Cacan, thuirt e, “Mo thighearna o’n is ann do’n righ a cheannaich sibh am boirionnach, ceadaichibh dhomhsa a radh, nach ’eil i, an deigh an turuis fhada, sgitheil air an d’ thainig sinn, ann an coltas cho fior mhath ’s a b’ abhaist dhi bhith. Agus ged nach ’eil te eile anns an t-saoghal cho briagha rithe, ma’s e bhur toil-se a cumail ’nur taigh fhein fad cheithir latha deug, agus ceartas math a thoirt dhi, theid mi an urras gu’n tig i gu dreach moran na’s fhearr. ’Na dheigh sin faodaidh sibh a toirt an lathair an righ; agus tha dochas agam gu’m bi sibh gu mor ’nam chomain-sa. Tha sibh a’ faicinn gu’n do laidh dubhadh na greine oirre; ach an uair a bhios i air a faragadh gu math caochladh uairean, agus a chuirear trusgan freagarrach uimpe, seallaidh i moran na’s fhearr na tha i ’sealltainn an drasta.” Chord a’ chomhairle so gle mhath ri Cacan, agus chuir e roimhe gu’n leanadh e i. Chuir e seomar air leith dhi faisge air an t-seomar anns am biodh a bhean aige fhein a’ fuireach, a chum gu’m biodh iad ann an cuideachd a cheile cho tric ’s a fhreagradh dhaibh, agus gu’m biodh meas aig a mhnaoi oirre mar neach a bha gu bhith ann an cuirt an righ. Dh’ ordaich e mar an ceudna caochladh thrusgan dhe’n aodach a b’fhearr a bha ri fhaotainn a dheanamh dhi. Mu’n do ghabh e a chead dhi, thuirt e rithe, “Cha ’n urrainn sonas a bhith agad a’s mo na ’n sonas a tha mise gus fhaotainn dhut. Faodaidh tu breith a thoirt air do shon fhein. Is ann do ’n righ a cheannaich mi thu, agus tha dochas agam gu’m bi e na ’s toilichte an uair a gheibh e thu na tha mise an uair a tha mi nis a’ cur crioch air an obair a thug e dhomh ri dheanamh. Is e mo dhleasdanas rabhadh a thoirt dhut, gu’m bheil mac agam a tha og, geurchuiseach, cuireadach, agus rudeiginn dana, agus gu’m feum thu bhith gu math air d’ fhaiceall air eagal gu’n leig thu leis a bhith tuilleadh is dana ort.” Thug bean na Maise moran taing do Chacan air son na deadh chomhairle a thug e oirre; agus an uair a gheall i dha gu’n tugadh i gach oidhirp air deanamh mar a dh’ iarr e oirre, dh’ fhalbh e am mach as an t-seomar. (Ri leantuinn.) Bha Eirionnach a litheadh (painting) an t-sabhail aige, agus bha e dol air adhart leis an obair cho cabhagach ’s gu robh e cur ioghnadh air a h-uile duine do na thachair fhaicinn. “Car son a tha thu na leithid sin de chabhaig?” ars’ aon de choimhearsnaich ris ’s an dol seachad. “Tha,” ars esan, “gu bheil mi air son an obair a bhi ullamh mu’n teirig an li orm [TD 276] [Vol. 8. No. 35. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, MART 30, 1900. Comunn Gailig New York. Bha coinneamh mhiosail a chomuinn so air a cumail air an naodhamh latha de Februaraidh ann an talla Chaledonian Clnb, Fearchar Mac Fhearghais, M. D., anns a chathair. B’i so an oidhche bha air a cur air leth leis a chomunn air son taghadh luchd-dreuchd air son na bliadhna. Chaidh an taghadh mar a leanas:—Ceann-suidhe, D. E. Camaran, Inspector a bhaile; Iar-cheann-suidhe, A. S. Williams; darra Iar-Cheann-suidhe, A. I. Mac-Ille-mhaoil; Run-Chleireach, Domhnull Mathanach; Cleireach an Ionmhas, Iain Mac Leoid; Ionmhasair, Miss N. J. Nic Aoidh Gair; Bard, Niall Domhnullach; Piobairean, Seumas Domhnullach, Friseal Daibhidh, Rob Mac Coinnich, Artar Ros, Uilleam Sorlie. Chaidh mòr thaing a thoirt do’n Cheann-suidhe bha ’sa chathair air an da bhliadhna mu dheireadh, air son mar a shoirbhich cùisean a chomuinn fo ’riaghladh. Tha suidheachadh a chomuinn taitneach a thaobh àireamh agus a thaobh airgeid. Tha sin a foillseachadh a’ ghràidh a th’aig buill a chomuinn do chainnt an sinnsir, agus gu bheil iad an rùn a seasamh gu dileas us gu treun. Chaidh oidhche chridheil a chur seachad an deigh taghadh nan oifigeach, le òraidean us ceòl us dannsa. Bha am piobair’ ainmeil, Friseal Daibhidh, le a chluich ciatach a cur sunnt us aighear air cridhe na cuideachd; agus òrain Ghàilig o Mhiss Lena Nic Aonghais a thaitinn gu math ’s gu ro-mhath ris a chruinneachadh; mar an ceudna òrain le Burns o Ghavin Spence. An deigh sin fhuair sinn dannsa Seann Triubhas agus Danns’ a’ Chlaidheimh o Thearlach Craig, a tha mion-eòlach air gach seorsa dannsa. Chriochnaich sin a’ cho-sheirm. An deigh sin bha dannsa air a chumail suas le mor ghreadhnachas gu meadhon-oidhche, anns an robh compairt aig sean agus òg, Tha an Comunn Gàilig a’ coinneachadh air an dara Dior-daoin de na h-uile mios, anns a Chaledonian Hall, 846-7th Avenue. Cha ’eil sgeul ùr is fhiach ri innse mu’n chogadh air an t-seachdain so; tha ’n t-arm Breatunnach, ma dh’ fhaoidte a leigeil an anail, agus cha b’ ioghnadh ged a bhiodh iad feumach air. Ach ’se ’s dòcha na sin gu bheil Morair Roberts a chumail air ais gach fios mu ghluasadan an airm nach eil e air son fhios a bhi aig na Boers air. Tha fathuinn a tighinn gu tric gu bheil baile Mafeking air fhuasgladh, ach gu ruige so cha’n eil sin air a dheanamh cinnteach. Tha bhuidheann a’s motha de’n arm Bhreatunnach timchioll air Bloemfontein, a deanamh deiseil gu falbh air an t-slighe gu Pretoria; tha buidheann eile air an rathad gu Mafeking, mur eil iad air ruigheachd; agus tha ’n treas buidheann fo Sheanalair Warren a tuath air Ladysmith a feuchainn ri bristeadh a stigh air fearann nam Boers. Tha aca sin ri dhol troimh ghlinn chumhang a tha air an daighneachadh gu làidir, agus ma bheir iad an ionnsuidh, cha ’n eil teagamh nach bi cath cruaidh aca ri chur. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Capt. E. Mac Amhlaidh, Gloucester, Mass. M. D. Domhnullach, Edgartown, Mass. Bean Alasdair Rois, Somerville, Mass. Calum I. Mac Leoid, Rockport, Mass. A. B. Mac Leoid, Plymouth, Mass. Johanna Mhoireastan, Boston, Mass. J. H. Staples, Lissan, Eirinn. D. Domhnullach, Spokane, Wash. Domhnull Mathanach, New York. Coinneach Mac Gilleain, New York. Simon P. Gillios, New York. Domhnull Lamont, Detroit, Mich. D. C. Mac-an t-Saoir, Cleveland, Ohio. Iain C. Mac Gilleain, Avalon, Cala. Bean Roib Monilaws, Two Harbors, Minn. Calum Buchanan, Kaurihohori, N. Z. J. J. Domhnullach, Dawson, Y. T. Caipt. Calum Mac Leoid, Vancouver, B.C. Uilleam Urchadan, Vancouver, B.C. Domhnuill Mac Ille-mhaoil, Fernie, B.C. R. U. Moireastan, Rossland, B.C. Bean R. Dhomhnullaich, St. Andre, N. W. T Domhnull Dughlach, Longlaketon, N. W. T Raonull Mac Eachairn, St. Andre, N. W. T Niall Seathach, Roseberry, Man. D. Mac Eoghain, Brandon, Man. Iain Dughlach, Sowerby, Ont. D. Domhnullach, Sturgeon Falls, Ont. D. Mac Ailpein, Lunnain, Ont. An t-Urr. I. Mac Fhionghain, Springbank Anna P. Lamont, Tiverton, Ont. D. J. Domhnullach, Greenfield, Ont. Iain Mac-a-Mhaighstir, Laggan, Ont. Dughall Mac Gilleain, Priceville, Ont. D. Mac-Ille-mhaoil, Priceville, Ont. J D Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont. A. S. Mac Dhearmaid, Otawa, Ont. Barbara C. Leitch, Lafontaine, Ont. Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville, Ont. Eoghan Mac Eoghain, Maxville, Ont. Mrs M. H. Domhnullach, Springhill, Que. Iain Graham, Galson, Que. Jenetta Nic Phail, Summerside, E. P. I. Alasdair Domhnullach, Double Hill, E. P. I. Uilleam Mac-a-Phi, Forest Hill, E. P. I. Alasdair Mac Calamain, Orwell, E. P. I. M. Mac Gilleain, Garfield, E. P. I. D. Mac Coinnich, Orwell Cove, E. P. I. Mor Nic Aonghais, Gleann Uilleim, E. P. I. S. M. Martuinn, Heatherdale, E. P. I. Murchadh Mac Leoid, Springton, E. P. I. A. Bruce, Grand View, E. P. I. J. J. Mac Leoid, Crapand, E. P. I. Gilleasbuig Domhnullach, Brooklyn, E. P. I. A. D. Mac Leoid, Kinross, E. P. I. Aonghas Caimbeul, Halifacs, N. S. Seumas Mac-an-Toisich, Stellarton, N. S. Domhnull Mac Neill, Loch a Deas, N. S. Beataidh Nic Neachtain, Loch a Deas, N. S. D. Mac Isaic, Loch an Fhuamhair, N. S. Caitriona Dhunbar, Lorne, N. S. D. Mac-a-Phearsain, Garadh Eden, N. S. Bean D. Johnstone, Springhill, N. S. Iain J. Mac Gilleain, Lakedale, N. S. Alasdair Caimbeul, Strathlorne C. B. Iain Domhnullach, Ceap Nor, C. B. M. L. Mac Fhionghain, Cape Clear, C. B. S. Mac Neacail, Cape Clear, C. B. Mrs Nic Rath, Amhuinn Mheadhonach, C. B. L. Mac Guaire, Amhuinn Mheadhonach, C. B. An t-Urr N Mac Mhuirich, Loch Ainslie, C. B. Domhnull F. Beutan, Mabou, C. B. I. A. Mac Gilleain, L’Ardoise, C.B. Raonull Domhnullach, Kempt Road, C.B. R. A. Mac Ascuill, Fourchu, C.B. Iain Mac Ille-mhaoil, Sydney Mines, C.B. D. H. Mac Leoid, Framboise, C.B. A. Mac Fhearghais, Loch Lomond, C.B. Tormad Mac Ille-mhicheil, Glace Bay, C.B. Domhnull Domhnullach, Soldier’s Cove, C.B. Iain Mac Odrum, Sidni, C. B. Murchadh Mac Leoid, Sidni, C. B. R. Barclay, Sidni, C. B. Ruairidh Moireastan, Goose Cove, C.B. A. J. Mac Gille-fhaollain, B.C. Chapel, C. B. Bean N. Mhic Guaire, an Bagh an Iar, C. B. D. Mac-an-Toisich, Bay St. Lawrence, C. B. I. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain Dunnachadh Mac Leoid, Baile-nan-Gall C. B D. Mac Gilleain, Munroe’s Point, C.B. Mairi E. Nic Gilleain, Gabarus, C.B. Murchadh Mac Gilleain, Valley Mills. C.B. A. Domhnullach, N. S. Boulardarie. C.B. Bean C. Mhic Gill-fhinnein, Melford. C.B. Iain F. Siosal, Long Point, C.B. Bean D. Mhic Phaic, Framboise, C.B. Iain Camaran, Grand River, C.B. Padruig Mac Ille-fhinnein, Baddeck, C.B. Calum Domhnullach, Cox Heath, C.B. Peigi Dhomhnullach, Ashfield, C.B. Iain Mac Leoid, Beinn na Sgitheanach, C.B. Aonghas Moireastan, Grand Lake, C.B. Mrs Nic Artair, Amhuinn Inhabitants, C.B. Calum Bryden, am Baigh an Ear, C. B. Dughall S. Caimbeul, Dominion No. 1, C. B. Gilleasbuig Mac Neill, Cape Dauphin, C. B. Alasdair S. Mac, Leoid, Framboise, C.B. C. D. Stiubhart, Bridgeport, C.B. Cairistiona Dhomhnullach, Cul Iona, C. B. D. J. Mac Fhionghain, Aiseag Mhira, C. B. Iain S. Gillios, Cul Loch Ainslie, C. B. R. H. Mac Coinnich, Sydney Forks, C.B. Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett, C.B. F. Domhnullach, Acarsaid Mhabou, C.B. Michael F. Mac-a-Phi, Glace Bay, C.B. Tormad M. Mac Leoid, Sgir Dhubh, C.B. Domhnull Mac-a-Ghobha, Gut-a-Deas, C.B. Alasdair Dughlach, Nyanza, C.B. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dce. 8, ’99.—1yr. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. [TD 277] [Vol. 8. No. 35. p. 5] NAIGHEACHDAN. O chionn beagan uine air ais, leig an t Onarach Daibhidh Mc Curdy, am Baddeck, dheth a bhi ’na bhall de Legislative Council; bha e ’fas ro shean agus ro lapach air son frithealadh do dhleasdanas na dreuchd sin. Tha a mhac, Uilleam, a nise air a chur ’na àite. Tha Mr. Moxham a nise ann an Sidni, agus ann an làn-ughdarras thairis air an obair-iaruinn. Tha iadsan aig am bheil eòlas air a’ toirt cliù mor dha air son a dheiligeadh ris an luchd-obrach. Tha e, a reir coltáis, air son gach ceartas is urrainn da a thoirt dhaibh, agus o’n thainig e an so tha e air a leigeil ris nach eil e dol a bhi air atharrachadh dòigh anns an dùthaich so seach mar a bha e far an robh e ag obair roimhe. Tha fear Iain Friseal a nise na mhayor air Bloemfontein, ceanna-bhaile Orange Free State. Is mac Gaidheil a shuidhich anns an duthaich sin e, agus rugadh us thogadh e am measg nam Boers; ach fhuair e chuid a b’ fhearr de fhoghlum ann an Alba. Ruith e an aghaidh Steyn air son a bhi ’na cheann-suidhe, agus ged a chaill e, tha e dh’fheuchainn ris an dreuchd a chosnadh a sealltuinn gur duine e air am bheil deagh mheas gun urram. Tha oifigeach o Uachdranachd Chanada gu bhi ann am Mulgrave o’n latha mu dheireadh dhe’n Mhart gus an coigeamh latha de dh’April, gus daoine ghabhail air son seirbhis anns a Mhounted Police ’s an Iar Thuath. Feumaidh daoine tha air son gabhail ’san t-seirbhis sin a bhi singilte, eadar da bhliadhn’ air fhichead us da fhichead bliadhna dh’ aois, coig troighean us ochd òirlich a dh’ airde, coig oirlich dheug air fhichead mu’n chom, agus ochd fichead us coig puind deug a chudthrom. Feumaidh iad fasdadh a ghabhail air son coig bliadhna. Tha gorta mhor anns na h-Innsean air an earrach so, agus tha e coltach gu’m mair i agus gu’m bi i fàs na’s mios agus am bi chuid a’s fhearr dhe’n t-samhradh seachad. Thatar a cur airgeid cruinn anns gach cearna dhe’n Impireachd Bhreatunnaich air son biadh a chur a dh’ ionnsuidh an t-sluaigh bhochd a tha fulang. Tha e ’na aobhar gle iomchuidh, agus tha dòchas gu’m bi gu leòr air a chur cruinn. Tha againn ’san dùthaich so pailteas de’n bhiadh ’s de gach ni feumail eile, agus tha e mar fhiachaibh oirnn a bhi cuimhneach air ar co-chreutairean nach eil cho math dheth ’sa tha sinne. A reir mar a chithear ann an cuid de na paipearan naigheachd, tha na h-Eirionnaich cha mhor uile air taobh nam Boers; ach cha’n ann mar sin a tha idir. Bha taghadh aca ann am Bail-a-cliath o chionn ghoirid anns an do ruith am Màidsear Mc Bride an aghaidh fir Iain O’Donnell, agus cha d’fhuair e ach 427 bhot mu choinneamh 2110 a fhuair O’Donnell. B’e am Maidsear Mc Bride so a chuir air chois a bhuidheann Eirionnach a chaidh do’n Transvaal a chogadh air taobh nam Boers, agus tha’n àireamh bheag bhòtaichean a fhuair e aig an taghadh ag innse nach eil ach fior bheagan dhe’n t-sluagh buidheach dheth air son sin a dheanamh. Thatar a marbhadh barrachd ròn timchioll air Eileanan Magdalen air an earrach so ’sa chaidh a mharbhadh earrach sam bith o chionn fhichead bliadhna. Ann a dha no tri lathaichean o chionn ghoirid chaidh coig mile deug dhiubh a mharbhadh. Chaidh fear Tearlach Domhnullach a bhàtadh ann am port Charlestown Mass, o chionn ghoirid, le bata anns an robh e a dhol thairis. Bhuineadh e do Chatalone, agus bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois. Bha e ’na fhear-gnothuich ann an Charlestown. Bha fear a mhuinntir Mhoncton anns a bhaile o chionn ghoirid a sireadh lárach air son tigh-òsda mor a chur suas. Thatar a cur air mhanadh gu’n dóirt sluagh mor a stigh dh’an bhaile air an t-samhraidh, agus nach bi aite-fuirich ann do’n darna leth de an thig Tha Lieutenant Peary a rithist a feuchainn ri ceann a tuath an t-saoghail a thoirt a mach. Chaidh àireamh thunnachan de bhiadh ’s de dh’annlan fhágail aige air an t-samhradh s’a chaidh, air son a bhi aige air a thurus am bliadhna air an tòisich e cho luath ’sa ruigeas beagan de bhláths an t-samhraidh an t-àite ’s am bheil e. Tha R. G. Reid an deigh astar mor coille a cheannach ann an Newfoundland, agus tha e dol a thogail tri muillnean sabhaidh, a chuireas a mach mu cheithir fichead muillein troidh (80,000,000) de dh’fhiodh sabhte ’sa bhliadhna. Bidh mu thri mile duine ’g obair annta, agus bidh mu cheithir fichead long-smuide air an cumail trang a giulan an fhiodh gu duthaichean eile. Tha Mr. Reid an deigh greim mor fhaotainn air Newfoundland; is leis an rathad-iarruinn, agus roinn mhor de’n fhearann air gach taobh dheth, agus tha còirichean eile aige a bharrachd orra sin, uiread ’s gu bheilear an deigh “Czar Newfoundland” a thoirt mar fhar-ainm air. Ach tha e an deigh feum mor a dheanamh anns an duthaich. Dior-daoine air an t-seachdain s’a chaidh, bha dithis de na maoir a tha cuideachd an iaruinn a cumail aig an obair air an droch leònadh, an àm a bhi feuchainn ri Eadailteach a ghlacadh. Chruinnich sgaoth de luchd-dùthcha an fhir a bhatar a glacadh timchioll orra, agus dh’eirich iad orra le spaidean ’s le casan phiocaidean ’s gach arm eile air an deanadh iad greim. Bha ’n t-ard-mhaor, Beckham air a leònadh gle dhona leis na h-airm sin, cho dona ’s nach robh fhios an toiseach am faigheadh e thairis air; agus bha fear eile dhiubh, Schurman, air a thilgeadh; chaidh am peilear ’na ghaoirdean, beagan os ceann na h-uillne, agus stad e na ghualainn. Theich na h Eadailtich an sin agus dhuinn iad iad fhein a stigh ann am fear de na shacks, agus as a sin cha tigeadh iad gu anmoch feasgar. Chaidh iad an uair sin air ais gu’n obair, ach bha an dithis bu chiontaiche dhiubh air teicheadh. Feasgar Di-haoine, fhuaireadh fios gu facas an dithis sin faisg air Louisburg, agus chaidh Mac Eachairn, ard-mhaor a bhaile, air an toir. Lorgaich e iad mu dheireadh gu tigh fir Uisdean Wilson, agus chaidh e fhéin us fear eile stigh ’g an glacadh. Fhuair iad fear dhiubh air a dhol an leabaidh ’s am fear eile ’na sheasamh air an ùrlar. Ghlac am maor an dithis, agus chaidh e a rannsachadh an cuid aodaich feuch an robh airm aca. ’Nuair a bha e deanamh sin thug am fear a bha ’san leabaidh daga mach fo’n aodach, agus mu’n d’fhuair Mac Eachairn g’a ionnsuidh gu stad a chur air loisg e air; chaidh am peilear troimh bhroilleach a chota ’s na peiteig aige, agus bha e air a dhol troimh chridhe, mur b’e gu’n do bhuail e gu fortanach air bucall a ghaileis; chuir sin a thaobh e agus chaidh e ’na ghaoirdean. An deigh sabaid chruaidh fhuair e an daga thoirt as a laimh agus chuir e glas-lámh air an dithis, ’s thug e do’n phriosan iad. Chaidh an toirt gu cùirt Di-luain s’a chaidh, agus tha iad ri bhi air am feuchainn aig a chùirt mhoir. Thatar a deanamh moladh mor air an ard-mhaor Mac Eachairn air son a thapachd. Nochdaidh gniomh mar so do mhuinntir a tha air bheag suim de’n lagh nach teid an toil fhein a leigeil leotha anns an duthaich so, agus ma ni iad cionta gu bheil làmh fhada, làidir aig an lagh gus greim a dheanamh orra, ’s gus am peanasachadh. SYDNEY CASH STORE. Sidni. - J. C. Mills, - Sidni. Tha sinn a’ fosgladh roinn de Bhathar Earraich a tha anabarrach math—gach seorsa air an cuirear feum ann an tigh. Tha ar Caileagu Sasunnach dhe gach seorsa a nise stigh, agus theid againn air an creic na’s saoire na gheibhear iad an aite sam bith eile, oir cheannaich sinn iad o chionn fada, mu’n do dh’ eirich a phris. Taghail againn. J. C. MILLS. Sidni, C. B. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. [TD 278] [Vol. 8. No. 35. p. 6] SEORAS III. (Air a leantuinn.) Anns a’ bhliadhna 1810, thàinig trioblaid inntinn rìgh Seòrais gu gu leithid a dh’àirde ’s gu’m b’ éigin an cumhachd riaghlaidh a thoirt uaithe, ’s thug dà Thigh na Pàrlamaid e d’e mhac bu shine, Prionnsa Uéils. Bha rìgh Seòrsa air bith mach á cleachdadh a reusoin uair no dhà roimhe sud; ach chaidh e ’m feobhas ’an ceann ùine ghoirid. Tha cuid ag ràdh gu ’n robh bàs a nighinn, a’ bhan-phrionns’ Amelia, ’na mheadhon air a thrioblaid a thighinn air ais aig an àm ud; ’an déigh so bha e mach á cleachdadh a reusoin tuilleadh gu là a bhàis. Anns a’ bhliadhna 1795 bha Pironnsa Uéils air pòsadh na bana-phrionnsa, Carolin, nighean Diùc Bhrunsuic; ach bha iad mì-shona còmhladh ri chéile, ’s dhealaich iad buileach ’an ùine nach robh fada. Cha robh aca de theaghlach ach aon nighean, a’ bhan-phrionnsa Charlot. B’ ise ban-oighre ’chrùin ’an déigh a h-athar. Cha robh an cumhachd rìoghail gu h-iomlan aig Prionnsa Uéils. Ghléidh a’ Phàrlamaid aca féin cumhachd oifigich òrduchadh ’s an arm, ’s nithe de’n t-seòrsa sin. An uair a bha Napoleon a’ glasadh suas long-Phorta na Roinn-Eòrp’ ’an aghaidh malairt Bhreatuinn, rinn an tighearnas Breatunnach, ’an rathad dìoghaltais air sud, Achd eil’ a réir nach feudadh cinneach sam bith malairt a dheanamh s’ an Roinn-Eòrpa gun chuspainn a phàigheadh do Bhreatunn. Bha so a’ buntainn ri malairt Stàitean Aonaicht’ America, a bha gu mòr air am feargachadh roimhe sud leis a’ chleachdadh a bh’aig luingeas cogaidh Bhreatuinn air rannsachadh an cuid luingeas malairt air son sheòladairean Breatunnach, ’s ga ’m preasadh do’n seirbhis féin. ’S e bun a bh’ ann gu’n do chuir Stàitean America an céill cogadh ’an aghaidh Bhreatuinn ’am meadhon an t-samhraidh 1812. Chuir tighearnas Bhreatuinn air chul an t-Achd dubh ud. Ach lean cogadh America gu deireadh 1814. Bha Breatunn gu mòr ’na cabhaig leis an dà chogadh ud air a làimh aig an àm. ’S ann air a’ mhuir, mar bu trice, bha iad féin ’s na h-Amercanaich a’ coinneachadh. Thug na h-Americanaich caochladh ionnsuiddean air Canada, ach cha robh iad a’ coinneachadh idir ’n soirbheachadh an aobh sin. ’N uair a sguir iad ’am mìos meadhonach a’ gheamhraidh, 1814, cha robh dad aig taobh seach taobh air son na h-aimhreit ach an call ’s an cosdas. Cha d’ fhan gille nan car ’an eilean Elba ach deich mìosan. Bha ’dhòigh féin aig air faotainn a mach ciod a a bha dol air aghart ’s an Fhraing. ’N uair a phill Luthais XVIII. chuir e fios air àrd-mhaithibh na rioghachd a bh’ air fògradh ’an duthaichibh fa leth na Roinn-Eòrpa; thug e air an ais gu dreuchdaibh fa leth a’ chrùin na teaghlaichean a bh’aig a roimh aithrichean ’an dreuchd. ’An aon fhocal bha e air son nan uile-nithe a thoirt gus an t-suidheachadh ’s an robh iad ri linn nan rìghrean a bha roimhe. Aig àm na Rìghchuairt chaidh fearann nan daoine mòra ’s na h-eaglais a roinn ’na mhìltibh, ’s na cheudaibh mìl’ oighreachd bheag. Bha na sagartan a’ bagradh iom-sgaradh eaglaiseach air gach neach a chumadh slat de fhearann na h-eaglais. Bha mar so claidheamh gach duin’ ’an aghaidh a chompanaich; an Fhraing ’an staid cho dona ’s a bha i riamh, ’s bu leòr sin. Air a’ cheud là de’n Mhàirt 1815 thainig Napoleon air tìr ’an ceann a deas na Frainge, le mìle fear, ghabh e air aghart tre ’n dùthaich gun duine beò a’ cur grabaidh air, agus air an fhicheadamh là de’n mhìos chaidh e gu buaidh-chaithreamach a steach do Phàris, ’s ghabh e sealbh air an lùchairt as an do theich Luthais air a’ mha[?] sin féin. Chuir Napoleon fios air an luchd dreuchd a bh’ aige roimhe, ’s na h-uile nì eile ’s an òrdugh an d’fhàg e iad. Thug e cothrom do na Frangaich an roghuinn a chur an céill co dhiùbh a b’ e féin na’m Bourbonach a bhiodh a’ riaghladh os an ceann.* Bha muillean gu leth Vote air a thaobh; agus ni bu lugha na leth muillean ’na aghaidh. Cho luath ’s a chuala fir-ionaid nan rioghachdan a bha cruinn ann am Uienna gu’n tàinig e air ais, chuir iad an céill gairm lagh’ a dh’ innseadh gu’n robh e ’na dhuin’ an taobh mach a lagh, agus fosgailte do dhìoghaltas follaiseach, air son a’ bhrisidh coimhcheangal a rinn e. Air a’ chuigeamh là fichead de’n mhìos chaidh Breatunn, Austria Rusia ’us Prusia ’an comhbhoinn ’na ’aghaidh; ’s an ùine ghoirid rinn gach cinneach ’s an Roinn-Eòrpa’ an ni ceudn’ ach an t-Suain a mhàin. Bha sùrd an sin ullachadh feuchd anns gach ceàrna gus an t-ain-tighearn ’fhaotainn ’an làimh. Cha b’ann air Napoleon bu lugha bha de chabhaig a’ cur armailtean ’an òrdugh gus e féin a dhìonadh o ’naimhdibh lìonmhor cumhachdach. ’An toiseach mìos meadhonach an t-samhraidh, bha còrr ’us leth muillein saighdear aig’ air an togail. Ach dh’fheumadh e beagan ùine gu iad sin air iunnsachadh. Bha còrr ’us muillean aig luchd na comhbhoinn. Bha Uelington (nis na Dhiuc) an dèigh armailt lìonmhor Bhreatunnach ’us Ghearmailteach fhaotainn cruinn ’am Belgium ’an toiseach a’ mhios mheadhonaich. Bha Marsal Blucher a’ dlùthachadh ris le ceud mile Prusianach. Bha feachdan Rusia ’us Austria ag ullachadh air son marsail as an dùthaich féin. Thug an t-eagal gu’n tigeadh iad sin uil’ ’an ceann a chéile, air Napoleon ro chus cabhaig a dheanamh gu dol air tòir Uelington ’us Blucher, ’us là blàir a thoirt doibh air leth, na’m bu chomasach e. Air a’ chuigeamh là deug de’n mhìos chaidh e seachad air a’ chrìch Fhrangaich le fichead mìle fear. Bha Diùc Ueilington ann am Brusels, ceann bhaile rioghachd Bhelgium, aig an àm, ’s chual e ’n oidhche sin féin gu’n robh ’m Frangach a’ tighinn. Air maduinn an ath là mharsail e roinn mhaith de’n fheachd gu àite ris an abrar Quartre Bras, sea mìle deug á Brusels, far an robh dà rathad mhòr a’ dol tarsuinn air a chéile. Bha’m Frangach ro dhéigheal air sealbh fhaotainn ’s a ghleidheadh air an àite so gus an cumadh e feachdan an luchd comhbhoinn o cheile. Bha Ueilington ro dhéigheil air an àit’ fhaotainn, ’s a chumail gus an gleidheadh e sligh’ fhosgailt eadar e féin ’s Blucher. Air an t-seathamh là deug chaidh Napoleon a chogadh ri Blucher air leth, ach chuir e Marsal Nei le dà fhichead mìle fear a’ ghleidheadh sealbh air Quartre Bras. Bha na Frangaich agus teachd Ueilingtoin a’ tighinn gu Quartre Bras mu’n cuairt de’n aon àm, ’s lean iad air còmhrag ri ’cheile’ a’ chuid mhor de’n là, gun taobh sam bith a theicheadh. Chaidh mòran a mharbhadh air gach taobh. Chuir Napoleon, aig Ligni, an ruaig air Blucher, a theich air falbh dheth ’n àraich an déigh àireamh mhiltean a cháll. Ach theich e ’an òrdugh maith; ’s chuir Napoleon Marsal Grouchi le cuig mìle deug thar fhichead ga rugadh, ’n uair a chaidh e féin gu deannal a thoirt air Diùc Ueilingtoin. ’Nuair a thuig Ueilington gu’n do theich Blucher, mharsail e féin air ais gu baile beag ris an abrar, Uaterlù, mu naoi mìl’ o Bhrusels, far am biodh e ni b’fhaid’ air falbh o Napoleon agus ni b’ fhaisg air còmhnadh sam bith a dh’ fheudadh Blucher a dheanamh leis. ’S gann a tha eachdraidh a sgrìobhadh ’s an Roinn-Eòrp’ o’n àm ud anns nach ’eil iomradh air blàr Uaterlù; ach cha’n ’eil fear sam bith a’ gabhail air làn chunntas a thoirt air gach car a chuir an dà fheachd a bha ’còmhrag ri chéile dhiubh ré an là ainmeil ud. Bha mu cheithir fichead mile fear fo threòrachadh Uelingtoin. Bu Bhreatunnaich deich mìle fichead diubh sin, a measg an robh trì réisimeidean Gàelach.* Dh’fheumadh gu’n robh feachd Napoleoin gu maith ni bu lìonmhoire na feachd an Diùc. Bithidh * Bu Bhourbonaich an teaghlach a chuireadh dheth ’n chaithir. * Bha e ’na ni comharraichte gu’n robh meadhon Chatoibh ga fhasachadh, ’s na tighean ga’n losgadh os ceann an luchd aiteachaidh aig an dearbh am ’s an robh aireamh mor de shluagh na Siorrachd sin a’ cathachadh ’an aghaidh naimhdean Bhreatuinn, ’s naimhdean na Roinn-Eorp’, araon ’s na h-Innsibh a ’s ear, agus ’an aghaidh Napoleoin. Ged a thigeadh am Frangach fuilteach fein air tir le ’chuid feachd air taobh deas no tuath Chatoibh ’s gann a b’urrainn e leir-sgrios a b’eagalaich’ a dheanamh air aitibh comhnuidh pharantan na muinntir a bha ’leigeadh sios am beath’ ann an duthchaibh cein air son dion na rioghachd ’s a coraichean. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 279] [Vol. 8. No. 35. p. 7] an t-ochdamh là deug de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1815, iomraideach gu bràth mar Là Uaterlù. B’ aithne do’n Diùc an t-àite roimhe sud; ’s bha e’n déigh a làthrach a roghnachadh mu’n tàing na Frangaich. Thog Napoleon ’àite mu choinneamh an tulaich air an robh feachd an Diùc air socrachadh. Thòisich an cath mu dheich uairean ’s a’ mhaduinn leis an eachraidh Fhrangach a thoirt garg ionnsuidh air armailt an Diùc fhuadachadh o’n àraich; ach chuireadh air an ais iad le mòran call’ air gach taobh. Mar so lean an cath gu feasgar; ionnsuidh air taobh nam Fràngach, agus gun an Diùc a’ deanamh dad ach a’ gleidheadh a làthraich. Bha lagan ìosal eadar an dà thulaich air an robh na h-airmailtean ’n an seasamh. Fhad ’s a bha na Frangaich a’ dol no tighinn tre ’n ìsleachd sin bha gunnaidhean an Diùc a’ deanamh sgathaidh uamhasaich orra. Ach ’s ann a bha na Breatunnaich a’ fulang gu h-àraidh an uair a thigeadh na Frangaich gu ionad tharruing lann riu. Ghléidh an Diùc fad an là an làthrach a roghnaich e; ach bha e ’fàs iomguineach mar a bha ’m feasgar a’ tighinn ’s nach robh Blucher a’ tighinn. Ach mu sheachd uairean chualas fuaim ghunnaidhean mòr’ a’ Phrusianach ag éigheach gu’n robh e ’tighinn co cabhagach ’s a b’urrainn e. Bha Blucher an déigh car mu chnoc a thoirt do’n Fhrangach a chuireadh air a thòir; ach chuir sin e féin air fior dhroch rathad, troimh ’n robh e doirbh a’ chuid throm de’n fheachd a ghiùlain. Thuig Napoleon a nis gu’n robh e dheth, mur briseadh e neart an Diùc mu’n ruigeadh còmhnadh an fhir eil’ e. Chuir e réiseamaidean ùr a steach a nis, agus leis na bh’aige de neart thug e ionnsuidh air na Breatunnaich ’s na bha còmhladh riu; ach sheas saighdearan an Diùc eadhon ris an ionnsuidh so. Agus mar a bha ’cheud dol air ais aig na Frangaich chaidh Blucher, le ’chuid Phrusianach, ’an òrdugh cath’ air làimh chlì an Diùc. Thug an Diùc an sin òrdugh do a chuid dhaoin’ iad a ruagadh air falbh an nàmhaid. An uair a dh’ fhairich na Frangaich gu’n robh nàmhaid ri ’n taobh co maith ri ’n aghaidh chaill iad an tapadh, ’s mar thonn ’an déigh a neart a chaitheamh, phill iad air an ais. Mar thonn ag éiridh ’na neart leum gach Breatunnach ’us Gearmailteach air an sàil’ ga’n gearradh sìos, ’s ga’n sguabadh rompa mar chlachaibh a’ mhuil. B’éigin do Napoleon ’s do gach fear eil’ a b’urrainn a chasan a thoirt leis. Chaidh mòran diubh as an rathad a’ dol seachad air a’ cheud drochaid a thachair riu. Mar a bha Gearmailtich ’us Breatunnaich an Diùc air an sàrachadh le obair an là, cha robh iad ro luath-chosach ’s an ruaig. Cha robh na Prusianaich a’ marsail ach glé mhall tre ’n là. Bha iad a nis air talamh lòm, rèidh. Bha cothrom ac’ an tòrachd thoirt a steach air son an ruagaidh a rinneadh orra féin dà là roimhe sud. Ghabh iad an cothrom le cìocras. Eadar na trì là blàir ud ’an déigh a chéile, chaidh dà fhichead mìle Frangach a mharbhadh; bha àireamh mòr air an leònadh ’s air an glacadh ’na ’m prìosunach. Thuit mòran de’n cuid armachd, ’s an treathlaich chogaidh uil’ ’an làmhaibh na muinntir a bhuadhaich. Chaill Clucher sea mìle deug fear; chaill Diùc Uelington trì mìle deug. Bha Napoleon ’am Pàris air an fhicheadamh là, a dh’innseadh sgeul a’ bhròin. Thug e oidhirp air an t-Seanadh aomadh gu feachd eil’ a chur ’an uidheam dha. ’Nuair nach gabhadh sin deanamh, rinn e atharrais de lìbhrigeadh air crùn na Frainge d’ a mhac. Dh’ ullaich e’n sin air son ruith air falbh a dh’ America. Ràinig e port ris an abrar Rochfort air an treas là de threas mìos an t-samhraidh. Ach bha ’n t-oirthir air a chuairteachadh le càbhlach Bhreatuinn, ’s gach rioghachd eil’ a bha cogadh ris, cho dòmhail ’s nach robh rian aig’ air teicheadh. Air a’ chuigeamh là deug de’n mhìos thug se e féin suas do chaiptin na luinge Sasunnaich Bellerophon, gus a thoirt gu Prionnsa Ueils a bha ’na Thàinistear, ’an dùil gu’n deanadh e fàbhar ris ’na airc. ’An déigh do’n luing tighinn do Shasunn leis, cha’n fhaigheadh e cothrom cas a chur air tìr. Chaidh ’òrduchadh do eilean beag ris an abrar St. Helèna, air taobh ’s iar Africa, far na chumadh e ’na phriosunach cogaidh gu àm a bhàis, a thachair air an treas là de cheud mhios an t-samhraidh 1821. Bhàsaich a mhac ’an ceann a thrì bliadhn’ a dh’aois. ’S a bhliadhna 1840 fhuair na Frangaich cothrom a chorp a thoirt do’n Fhraing, far an deachaidh adhlacadh le mòr ghreadhnachas a measg dhaoin’ ainmeil na tìre sin. An uair a thainig an t-sìth, ’s a thuit tuarasdal gach seòrsa luchd-oibre, thòisich muinntir nam bailtean mòr air feadh Bhreatuinn ri tuasaid ’us troimh-chéile, a’ gearan air an droch riaghladh a bh’ air a dheanamh orra. Bhiodh iad a’ cumail choinneamhan ’an caochladh àitibh gu bhi ’tagradh air son na Pàrlamaid a cheartachadh. Bhiodh cuid a’ call am beath’ aig na coinneamhan sin an uair a bhiodh an t-arm ga’n cur o chéile, ’s bha mòran diubh air an cur ’am prìosun. Bha e ’meudachadh mì-thoileachadh an t-sluaigh gu’n robh gach cìs ’us cuspainn a bh’ air an leagadh air nithibh ré a’ chogaidh, air am buanachadh ri àm sìth. Bha riadh nam fiachan ’na ullach tròm air an dùthaich. ’N uair a thòisich cogadh na Frainge ’s a’ bhliadhna 1796, bha fiachan Bhreatuinn dà cheud agus deich muilleana fichead (£230,000,000). An uair a sguir an cogadh ’an déigh blàr Uaterlù bha ’n càrn air fàs suas gu ochd ceud ’s trì fichead muillean (£860,000,000). Bha bàrr neo-àbhaisteach bochd ’s an rìoghachd ’s a’ bhliadhna 1816. Bha gach seòrsa lòin dùblachadh na prìs a bha e uair sam bith o’n àm sin. ’An toiseach an t-samhraidh 1816 phòs a’ bhan-phrionnsa, Charlot, prionnsa Leopold, á Sacs-Còburg. Air an dara là fichead de cheud mhìos a’ gheamhraidh, 1817, bhàsaich i ’n déigh a h-aisead air leanabh marbh. Cha robh i ach dà bhliadhna thar fhichead a dh’ aois. Bha i gu mòr air a caoidh feadh Bhreatuinn gu léir. Air an naoidheamh là fichead de dhara mìos a’ gheamhraidh, 1820, chaochail rìgh Seòras III., anns an trì ficheadamh bliadhna de ’rìoghachadh, agus anns an dara bliadhna thar a’ cheithir fichead de ’aois. Thàinig a mhac bu shine, Tàinistear Bhreatuinn, thun na caithreach na àite, fo ’n tiodal, Seòras IV. C’ar son a tha thu ’g amharc mu ’n cuairt ort an so, is nach e so t-àite-comhnuidh? ’S ann air neamh a bu do dhachaidh a bhi: seall air nichean talmhaidh mar fhear-cuairt, Bheirear $400 a dh’airgead do luchd-ceannaich Union Blend Tea am bliadhna. BAS. —Aig Beinn Phadruig, air a choigeamh latha dhe’n Mhart, chaochail an aon duine cloinne aig Iain Weir agus a bhean, aois sheachd miosan. B’i an triuthach an tinneas a dh’ aobharaich a bhas. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr AIR SON Cotaichean Uachdair Geamhraidh. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 280] [Vol. 8. No. 35. p. 8] Litir us Oran a Valley ’san Iar Thuath. A MHIC-TALLA CHOIR,—Tha mi cur dar ’n ionnsuidh oran blasda rinneadh le piuthair do ’n duine iomraiteach sin an t-Urramach Iain Mac Ruairaidh a tha na fhior charaid do’n MHAC-TALLA, agus tha i fhein a faotainn a paipear cuideachd. Agus le iarraiteas moran, cuid de luchd-gabhail MHIC-TALLA, sgriobh mi e ann an dochas gu faic sinn ann an clo e ma ’n teid am Mart seachad. ’Se sin ma ghabhas e deanamh mar tha e air a sgriobhadh; bha mi aon uair a bha mi gle mhath gu sgriobhadh Gailig ach ’nuair bhios daoine a fas sean bidh iad a leigeil iomadh rud a cleachdadh. Leubh mi ann an aon de litirichean “Iain” gu MAC-TALLA gu ’m bu mhath leis cuid-eiginn a thoirt sgeul dha ma dheinn a chairdean tha comhnuidh ’s an duthaich so. Tha teaghlach a pheathar an so gu’n dith gun deireas; tha i fhein na boirionnach cho deaneadach ’sa chaidh a stigh air dorus taighe, gle choltach ri m’ athair ann a seol, fuathasach toileach air sgoil is ionnsachadh a thoirt do cuid cloinne. Tha teaghlach mor aca; tha Mairi, Anna agus Ceat, nan triuir nigheanan cho eireachdail ’s a chi mi ann an aon taigh. Tha Tormad na ghille foghainteach dreachmhor agus na phiobaire snasail, agus tha an corr tha na’s oige na esan air choltas a bhi a cheart cho math. Cha robh duil agam na h-urrad a sgriobhadh ’nuair a thoisich mi, ach ged nach robh, ’s mi do charaid SEANA GHIULLAN. Dara-la diag do Mhart, 1900. Oran do’n Transvaal. LE BEAN FHEARCHAIR BHEUTOIN. Gur muladach sinne bhi so gun duin’ idir A thogas no thuigeas no sheinneas an dan, ’S le durachd mo chridhe soiridh slan leis na gillean A dh’ fhalbh air an steamer gu ruig an Transvaal. Deoch slainte nan gaisgeach a dh’ fhalbh air an astar Ma chuairt Gibaraltar ’sa mach dh’ an Transvaal; Bheir iad bhuath an cuid bhailtean ’s gach storas tha aca Ni moran diu beairteas bhios ach gu brath. Sid na fir bha sunndach air la na Bliadhn’ Uire A fagail na duthcha a dh’ ionnsuidh a bhlair, ’S ged tha ’m parantan tursach ’s an cairdean gan ionndrainn, Gheibh iad urram o ’n chrun agus cliu gu la bhrath. Sid far an robh ’n t-ainneart an toiseach na h-aimhreit, Dol tarsuinn na h-aimhne bha tide ’s i cho ard; O’n ach fhaigheadh iad ann iad gun drochaid gun daimpe, Chaidh fear a bha thall de na Ceannardan Cearr. Chuir iad Seanalair Buller a null thuca ’n uiridh, Le shaighdear an guineach le’n gunnachan lan; ’Se sgeula na dunach gun chaill e iad uile, ’S na robh e air bunaig bha ’n t-urram na b’ fhearr. Na Gordanaich ainmeil bha riabh ann an Alba, Luchd direadh nan garbh-chrioch is dhearbh ’iad a lamh; ’S ge b’e gheobh an tiodal tha e doirbh dhuinn a thuigsinn, Ma mharbhadh iad sid ’s an “da fhichead ’sa dha.” Na Northumberlands threubhach is deas theid nan eididh, Le gunna, le beugalaid, ’nuair dh’ eubht iad gu cas; Nach duilich bhi ’g eisdeachd nan daoine ’ga leubhadh; A luthad ’sa dh’ eirich dhe reiseamaid slan. ’Se Seanalair Roberts ged tha e na bhodach, Tha nis air an toiseach ’s gun coisinn e ’m blair: Ni e namhaid a sgiursadh le luaidhe ’s le fudar, ’S bi fuil an cuid dhiunnlach a srulladh gu leir. Chaidh a mhac-san a mharbhadh an toiseach na h-argamaid, ’S gur ann a bha ’n dearmad a mharbhadh cho trath; Tha na Breatunnaich deonach gun tog iad a thorachd, ’S cha mhor dhe na Boers thig beo o’n a bhlar. Bha mi cluinntinn bhi leubhadh ma dh’ eibhinn nam beistean, Gu’n do dheilbh iad an eagair ma’n dh’ eubh iad am blar; Gu’n do chladhaich iad digan ’s iad fhein annt’ nan sineadh; Chuir sin Breatunnaich miltean nan sineadh ri lar. Tha sinn uile ro thursach air son ar luchd-duthcha, Na chaidh de na diumhlaich a dh’ ionnsuidh a bhlair; Ach ri beagan a dh’ uine theid ac’ air an sgiursadh, Na faigheadh iad Kruger air thus ann an sas. ’S iomadh h-aon bha fo airtneul ’n la thiodhlaic iad Wauchope, Ged bha iad nan gaisgeich bha ’n aigne fo phramh; ’Nuair a sheinn na fir ghasd’ dhaibh an t-oran bha taitneach,— “Cha teid thu air ais do Lochabar gu brath.” Tha gach aon ann am barail, mu thoiseach an earraich, Gu ’m bi Seanalair Warren ’sa bhail aig Natal; ’S nuair a chromas e ’m bearradh le Reiseamaid Ghearran, Bidh moran san t-sealladh nach cairich gu brath. Tha mi ’n dochas am bliadhna, o ’s Naoidheamh ceud diag i, Gun tig iad gu siochant ma ’n criochnaich am Mart, ’S nach cluinnear gu siorruidh guth cogaidh na mialaint, ’S gu ’m bi Breatuinn a riaghladh na dh’ iarr iad m’a thra. Gur muladach sinne bhi’n so gun duin’ idir, A thogas no thuigeas no sheinneas an dan; Le durachd mo chridhe, soiridh slan leis na gillean, A dh’ fhalbh air an steamer gu ruig an Transvaal. Tha tuathanach de’n ainm Johnson ann an Kohomo, Indiana, a tha ’g obrachadh sia acraichean fearainn leis fhein; cha’n eil uiread us each aige gus treabhadh no obair throm eile dheanamh. Ni sam bith a bhios aige ri chreic, tha e ’ga thoirt gu margadh ann am bara-roth. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 281] [Vol. 8. No. 36. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 6, 1900. No. 36. OMAR KHAYYAM Am Bard Persianach. LE DOMHNULL MAC EACHARN. Mu’n àm ’san robh Mac Bheathain,—air an d’ rinn Shakespere an dàn-cluiche a tha ’dol fo’n ainm sin—a’ gleachd air son a chinn ’s a chrùin an aghaidh feachd Chaluim-a-Chinn-Mhòir, thainig an duin’ ainmeil so, Omar Khayyám, thun an t-saoghail. Agus mu’n àm ’san robh Mànus Casruisgt, Righ Norway, a’ tarruing a luinge trasd’ an fhearainn aig an Tairbeart Chinntireach, air chor ’s gu ’n rachadh aig air a radh gu’m b’ eilean Cinntire, fhuair Omar bàs. Tha e mar sin, mu thuaiream ochd ceud bliadhna bho’n a chuir Omar r’a chéile na rannan sin a dh’fhag e ’na dhéigh, fo’n ainm air am bheil iad air an cur am mach—“An Rubáiyát aig Omar Khayyám.” Cha’n ’eil cinnt air a’ cheart bhliadhna ’san d’ rugadh e, ach tha fhios gur ann am baile beag dlùth air Naishapùr, ann an roinn Chorassain de rioghachd Phersia, a thachair dha bhi air a bhreith. Feumar a ràdh, ged bha an duine so ainmeil ’na latha ’s na linn fein, nach d’ thainig ach fior bheagan de mhion-chunntas mu bheatha nuas g’ar n-ionnsuidh. Tha e coltach gu’n robh a phàrantan ann au staid chothromaich, oir fhuair Omar an t-ionnsachadh a b’fhearr a bha dol aig an àm. ’S ann an Ard-Oil-thigh Naishapùir a fhuair e’ fhòghlum, ’s a reir coltais, rinn e deagh bhuil de’n teagasg a fhuair e. Tha e fein ag innseadh dhuinn mu dhéighinn so— “Luchd foghluim theagaisg dhomh gach ni fo’n ghrein, ’S thug mi, gun teagamh, leam na b’eol daibh fein; Ach brigh an iomlain dhomh, de’n eolas bhaoth, Mar uisge thainig mi is theid mar ghaoth.” Aig an Oil-thigh, chuir e eòlas air dà ghill’ òg, còmh-aoisean dha fein, d’am b’ainm, Abdul Khassan, agus Hassan Sabbah. Is ann bho aon dhiubhsan, Abdul Khassan, a fhuaradh a mhorchuid de na’s aithne dhuinn mu dhéighinn Omair. Mu’n d’fhàg na trùir ghillean òga so an t-Oilthigh, rinn iad co-chòrdadh eatarra fein, gu’m biodh iad cuimhneach mu chach a chéile, agus co air bhith dhiù a thigeadh gu inbh àrd ’san t-saoghal, no ’dheanamh saoibhreas, gu’n cuimhneachadh e air càch. Fhuair Abdul Khassan air aghaidh gus an robh e, mu dheireadh, ’na Ard-riaghladair air an rioghachd, fo Alp Arslan, a bu righ air Persia aig an àm. Chum Abdul r’a ghealladh; thug e àit àrd do Hassan Sabbah an cùirt an righ, agus thairg e’ leithid eile do dh’ Omar; ach chuir esan cùl ris an tairgse so, ag ràdh, gu’m b’ fhearr leis a bhi air a dhoigh fein, gun suim gun chùram, ag òl fiona ’s a’ deanamh rannan; no mar thuirt e fein ann an te de na rannan sin. “Thoir rioman arain dhomh is searrag fhion; Le leabhar rannan mar ri caraid min, Is craobh an fhasaich ’deanamh sgail bho’n ghrein; O, bhiodh am fasach dhomh mar Pharas fein!” ’Nuair a chunnaic Abdul Khassan so, agus speis mhòr a bhi aige do dh’ Omar, thug e dha coir, ann an saor dhuais, air roinn mhath de theachd a stigh a’ bhaile-mhoir, Naishapur, anns an robh Omar a’ gabhail còmhnaidh. Beagan bhliadhnachan na dheigh sin, thug e dha árd ughdarras thairis air Ard “Observatory” na rioghachd. Tha againn air ughdarras Tarik-ul Hukama gu’m b’e Omar duine a b’ fhòghluimte ’san rioghachd; cha b’ann a mhain anns gach fòghlum a bha cumant’ am Persia, ach’ gu robh e fiosrach ann an litreachas dhùthchannan eile, gu sonraichte, litreachas na Gréige. A bhàrr air so chaith e cuid d’a ùine, a’ geur bheachdachadh air Oibrichean Nàduir, ’s na laghanna nàdurra a bha ’riaghladh gach ni, cho fhad ’s a bu chomasach dha sin fhaotainn a mach. Chaith e earrann eile d’a ùine ri speuradaireachd. Cha chuir e, mar sin, iongantas oirnn gu’n robh an “Observatory” air a cur fo ’chùram ach chuireadh e iongantas gu leòir oirnn nan creideamaid an teisteas a bha e toirt air fein; ’se sin nach robh ann ach am misgear. Tha e ag innseadh dhuinn mar so, “Anns an tigh-osda rinn mi m’ fhail ’san smur, Is dealaich mi ri m’ chomhdach ann ri m’ thur; Gun duil, gun dochas, is gun eagal De, A’ snamh gu ceolar ann an gloir gun steidh.” Co is urrainn so a chreidsinn air duine ’bha cho foghluimte ’s a bha ’n duine so, a reir teisteas a chomh-aoisean fein, ’s a bha am mòr urram aig uachdarain ra rioghachd; ’s a dh’ ath-leasaich Miosachan Phersia, gus an d’ fhag e cho neo-mhearachdach e ’s a tha am Miosachan againne air an latha-diugh. Tha Abulfoda an t-eachdraiche a’ daingneachadh ughdarrais eile ’thaobh am foghluim sinn bho chàch, gu’n robh Omar toigheach air bàrdachd ’s air fearas-chuideachd, ’s nach robh e a’ cur mòran luach air fhòghlum fein, no air na nithe sin a rinn e choimh-lionadh. Tha e fein ag innseadh dhuinn mu thimchioll a’ mhiosachain, nach do rinn e de dh’ ath-leasachadh air, ach an là-dé a chaidh seachad a dhubhadh a mach, ’s gu’n suim a ghabhail do’n là-màireach nach d’ thainig fhathast. Tha so a’ toirt ’nar cuimhne briathran Fear-teagaisg a b’ àirde na Omar; “Na biodh ro-chùram oirbh mu thimchioll an là-màireach; is leòir do’n là olc fein.” Tha Omar, mar so, gu minig, a’ cur firinnean cudthromach an ceill, ach air mhodh cho caoin-shuarach ’s gu’m faodar, gu tric, gabhail thairis orra gun moran suim a thoirt d’am brigh. Aig a cheart àm, tha e soilleir gu leòir, nach robh e fein idir cho suarach mu na nithe sin ’s a bha e gabhail air. Gheur bheachdaich e air laghanna suidhichte nàduir, ’s thug e fainear, grian is gealach, reult is talamh, cho cinnteach neo-mhearachdach a gleidheadh, gach aon fa-leith, an cùrsa suidhichte chaidh òrdachadh o thus. Gach creutair a reir a ghnè a’ coimhlionadh na criche chum an do chruthaicheadh e. An duine a mhàin, a reir coltais, air a thilgeadh air an t-saoghal, gun stiùir, gun chompaist, gun chairt-iuil air an seòl e; agus buailteach gu bhi air a thilgeadh thuig’ agus uaith leis gach gaoth a shéideas. Is ann mar so, a reir coltais, a thaisbean na nithe sin iad fein d’a inntinn. Chaidh e cho fhad ’s a bheireadh solus is eòlas nàduir e, na oidheirp a dh’ fhaotainn freagairt do’n cheisd chudthromaich sin, ciod e do ghnothachs’ an so, Omair? Tha e fein ag ràdh. “O mheadhon talmhainn dh’ eirich mi gu seimh, Gu cathair Shatuirn anns an t-seachdamh neamh, ’S ged dh’fhuasgail mi ’san t-slighe, iomadh dul, Cruaidh-shnaim ar crannchuir dh’fhairtlich orm gu tur.” Ann an ait eile, tha e ’g radh mu’n ni cheudna— An so, tha sinn air chuairt fad la no dha, Air bheagan buannachd dhuinn ach pein is cradh, ’S a’ fagail ceisd ar bith, gun fhuasgladh reidh, An rathad gabhaidh sinn gun suil nar deigh. Cha’n ann idir troimh aineolas air teagasg eaglais a dhùthcha, a bha inntinn Omair ’san t-suidheachadh so, ach a chionn nach b’urrrainn dha mòran de’n teagasg sin a chreidsinn. Bha làn-fhios aige, gu’n robh cheart uidhir fiosrachaidh aige fein mu na nithe sin ’s a bha ’gabhail os laimh a theagasg. Bha ’n eaglais laidir aig an àm; ’s e sin ri radh, bha chleir lionmhor, agus a’ gnàthachadh cumhachd mòr thar an t-sluagh; ach bha iad fein saoghalta agus cealgach. Cha b’ urrainn, mar sin, gu’m biodh mòr-bhàigh aig Omar do’n chleir, ’s cha mhò a b’ urrainn gu’m biodh spéis aig a chléir do dh’ Omar. ’S e mar bha, nam bu duine cumant’ e, nach robh ’bheatha tearuinte ’nam measg, ach bha mios mor aig an righ air Omar, agus b’e àrd fhear-riaghlaidh na rioghachd, a shàr-chompanach. Cha robh e, mar sin, soirbh do ’n chleir am mi-rùn ’na aghaidh a thoirt gu buil. Chaidh, gun teagamh, casaid no dha ’chur ’na aghaidh air son a mhi-chreidimh, ach bha Omar cho eòlach ’s a Chóran (leabhar naomh luchd-leamhuinn Mhohammed), ’s a bha iad féin, ’s bha e daonnan deas a dearbhadh gur ann aige-san a bha an creidimh-fior, ’s gu’n robh a luchd-casaide tur am mearachd. Cha robh aca, mar sin, ach cur suas le Omar mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad ach bha e féin ’s a rannan, “mar sgolbaibh ’nan taobhan.” Bha gnothaichean a’ dol air an aghaidh mar so, Abdul Kassan a’ riaghladh na rioghachd gu sicir, teòma; Omar, a reir a chunntais fein, ag òl fiona ’s a’ deanamh rannan; ach, aig a’ cheart àm, a’ toirt fainear gu’n robh ghrian ’s a’ ghealach ag èirigh ’s a laidhe aig na h-àmannan suidhichte; agus a chleir, faodaidh sibh a bhi cinnteach, a’ gleidheadh suil bhiorach air giulan Omair. Bha aon eile de’n triùir chompanach a rinn an comh-chòrdadh a dh ainmich mi; b’e sin, Hassan Sabbah, esan d’ an d’ thug Abdul Khassan, an t-àite ’n cùirt an righ. Bu duine comasach Hassan air doigh no dhà, ach an daor-shlaightire ’na dheigh sin. Aig an àm so, bha e stri, gu cealgach, ris an fhear a bhuilich an t-àit air, a chur as a riaghladaireachd, agus e féin a chur ’na àite. Cha do shoirbh- [TD 282] [Vol. 8. No. 36. p. 2] ich sin leis; chaidh a chuilbheartan a dheanamh follaiseach, ’s chaidh fhògradh a mach as an dùthaich fo thróm mhasladh. Cha ruigeamaid a leas tuillidh gnothaich a ghabhail ri Hassan, ach gu ’n do thachair, gu mi-fhortanach, gu’n d’ thug e aon ni gu crich a bhean gu dlùth ri leas Omair. Nuair a dh’ fhàg Hassan cùirt an righ, thug e cearn iomallach de’n dùthaich air, far an do chruinnich e mu’n cuairt air buidheann de dhaoine coirbte mar e fein. Shuidhich iad iad fein am measg bheanntan iomallach an àite, sin, leis an run shuidhichte gu ’n cuireadh iad gu bàs gach aon de dhaoine-mòra na rioghachd, an aghaidh an robh gamhlas aca. Airson na criche so, chuir iad am mach teachdairean diomhair am fad sam fagus, troimh ’n cuilbheartan, chaill iomadh duine fiachail a bheatha; agus am measg chàich, Ard-riaghladair na rioghachd, Abdul Khassan. Bha so ’na buille gle throm do dh’ Omar, ’s bha e air a leantainn le buill’ ’eile neo air thaing cho trom, ann am bas an righ, Malik Sháh, aig an robh mor spéis do dh’ Omar. Thainig am bàs car obann air an righ, ’s cha b’ ann gun amharus a bhi air an droch dhuine so, Hassan, gu’n robh làmh aig ann. Tha e car iongantach gu’n d’ fhuaradh iomradh ’s na cearnan so air Hassan, iomadh linn mu ’n d’ thainig cliu a chompanaich fhiachail gu’r n ionnsuidh. Thatar ag radh gu’n d’ thainig na “Crusaders” trasd air san àirde ’n ear, ’s gur e droch chliù, an t-saoghail a bh’ ac air. Tha e air a ràdh, mar an ceudna, gur ann bho ainm an duine so, a thainig am facal a tha againn ’s a bheurla a’ ciallachadh mortaìr, ’se sin “assassin,” ach biodh so mar a dh’ fhaodas e, cha bhi tuilleadh gnothaich againn ri Hassan Sabbah. Ann am bàs an righ agus an ard-riaghladair, chaill Omar an cùl-taice cumhachdach a bh’ aige ’s na daoine sin. Bha e sin soilleir dha gu’m feumadh e tuilleadh faicill a ghnàthachadh a thaobh na cléire. A chum na crìche so, rinn e ’n turus sin a tha mar fhiachaibh air gach deagh Mhohammedanach a dheanamh, ’s e sin, an turus gu Mecca, far am beil Ard-theampull an Fhàidh aca. Tha ’n teampull so do na Mohammedanaich, mar a bha teampull Ierusaleim do na h-Iùdhaich. An déigh so, cha do chuir a chléiruidhir dragh air Omar; cha ’n e gu ’n do leig e dhath a bhi ’deanamh rannan ’s ag òl fiona; ach, ma dh’ fhaoidte, nach robh iad cinnteach dé cho fhad ’s a bha e glic dhaibh dol an aghaidh duine cho comasach air e fein a dhion ’s a bha Omar. Bha, reir coltais, mios mor aig a’ ghineal òg a bha faighinn am foghluim aig an Oil-thigh air. Bha e cleachduinn a bhi labhairt gu follaiseach riu, mu nithe bhuineadh do theagasg, gu sonraichte mu fheallsanachd. Thainig aon de’n oigridh sin, a thachair a bhi dol air a thuras, a dh’ fhaicinn Omair, ’s a dh’ fhàgail beannachd aige mu’n trialladh e air a thurus. Bha Omar a nis ’na shean duine, ’s ’nuair a bha e ’dealachadh r’a charaid òg, dh’ fheòraich e dheth, cuin a bha fiughair aige bhi air ais? Dh’ innis a charaid sin da. “Mata,” ars’ Omar, “cha bhi mise romhad ’nuair a thilleas tu, ach gheibh thu m’ uaigh far an comhdaichear i gach bliadhna le blàth an ùr cheitein. Chuir so iongantas air an òganach, oir tha e ionann ’s air a thoirmeasg anns a’ Chóran, do neach sam bith a ràdh c’àit am bi e air àdhlac. ’Nuair a thill an gill’ òg so bharr a thuruis, dh’ fharraid e air son Omair ’s chaidh innseadh dha nach bu bheò e. Chaidh e air ball a shealltainn air son uaigh an duine chòir, ’s fhuair e i dlùth air lios-mheasam, agus an leac-lighidh còmhdaichte leis na blàthan a bha tuiteam bharr nan craobh. “Co-dhiu, aig Babilon no Ispahan; Co-dhiu, tha ’n cup do mhil no dhomblas lan, Tha fion na beatha ’sruthadh, braon air bhraon; Tha ’chraobh a call a duill, aon air h-aon.” B’e so beachd Omair, mar a bheachddaich Iob roimhe— “Tha latha ’s bliadhna ’s linn dol seach, ’S cha phill ri neach an triall.” ’S e bha ’mhiann orm ’san àite so, an deigh cunntas aithghearr a thoirt dhuibh air beatha ’n duine so, dol air m’ aghaidh a labhairt air a ghnè bhàrdachd a dh’ fhàg e ’na dhéigh; agus a chur fa’r comhair an t-eadar-dhealachadh a tha eadar inntinn Omair, mar tha i air a foillseachadh dhuinn ’na bhàrdachd, agus inntinn nan daoine air am bheil sinn eòlach ann am bàrdachd ar dùthcha fein. A chum na criche so, thionndaidh mi cuid de rannan Omair gu Gaidhlig, air son an cur taobh ri taobh ri cuid de rannan nam bàrd againn féin a’ leigeil ris dhiubh an t-eadar-dhealachadh a tha am bheachd; ach tha e soilleir nach ceadaich an uine dhuinn dol cho domhain ’s a chùis aig an àm. Faodaidh mi, air a shon sin, a chomharrachadh a mach dhuibh, ann am beagan fhacal, far am bheil am bàrd Persianach agus a mhorchuid de na bàird Ghàidhealach a’ dealachadh gu tur. (Ri leantuinn.) DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XI. Ghabh Domhull mor-thimchioll Cnoc-a’-chùirn an aite gabhail dìreach tarsuinn an t-sléibhe ’dh’ ionnsuidh a’ chladaich mu choinneamh an àite ’s an robh an long air acaire. Rinn e so air eagal gu’n tachradh neach sam bith ris air an rathad. Cha b’e h-uile neach a bhiodh deònach falbh leis fhein air an oidhche troimh àite a bha cho ùdluidh ’s cho uaigneach ri cul Chnoc-a’-chùirn; ach cha bu ghealtair a bh’ ann an Domhull idir. Fhad ’s a bha ’athair beò bha e gu math tric ag innseadh dha nach b’ eagal do neach sam bith a bhiodh a’ cur ’earbsa ann an Dia ged a thachradh dha bhith muigh air cheann turuis anamoch air an oidhche, do bhrigh gu’m bheil Dia a’ cheart cho comasach air daoine ghleidheadh o chunnartan air an oidhche ’s tha e air an latha. Bha ’athair ag innseadh dha mar an ceudna nach robh bochdain ann idir, ged a bha daoine o shean a’ creidsinn gu’n robh. Coma co dhiubh, ged nach robh Domhull ’na ghealtair gu nàdarra, bhuail bioragaidhean dhe’n eagal e an uair a bha e ’cromadh le gualann a’ chnoic; oir chuimhnich e gu’n robh daoine ag ràdh, gur ann mar chuimhneachan air dithis sheòladairean a fhuaradh bàithte nir a’ chladach iomadh bliadhna roimhe sid agus a bha ’n tiodhlacadh anns a’ chnoc a’ thogadh an càrn. Ged a bha toil aige teannadh ri feadaireachd gus an t-eagal a chumail uaithe, bha e ag radh ris fhein gur dòcha gu’n cluìnneadh cuideiginn e. Smaoinich e gu’m faodadh na seòladairean a bha ’n tiodhlacadh anns a’ chnoc a choinneachadh; agus thug e suil thar a ghuaille an taobh a bha ’n carn, agus chunnaic e dithis dhaoine ’nan seasamh air mullach a’ chnoic. Ged a bha toil aige ruith air falbh, cha b’ urrainn da. Bha ’chridhe a’ bualadh cho luath ’s cho làidir ’s gu ’n robh bodhradh a’ tighinn ’na chluasan. Thainig ’fhallus am mach, agus dh’ fhàs e cho lag ri leanabh. B’ fheudar dha suidhe far an robh e. Ach ged a bha eagal mòr air, chum e aghaidh air na daoine. Bha iad ann an sid ’nan seasamh gun ghluasad gun charachadh. “Is e na seòladairean a th’ ann gun teagamh,” ars’ esan ris fhein, “agus tha e cho dòcha gur ann a thoirt rabhaidh dhomh gu’n dol a sheòladh a tha iad air éirigh.” Anns an àm chuimhnich e air mar a bha ’athair ag innseadh dha gu’n gleidheadh Dia e o gach cunnart air an oidhche cho math ’s a dheanadh e air an latha. Lub e ’ghlùinean agus rinn e ùrnuigh cho dùrachdach ’s a rinn e riamh roimhe. Fhad ’s a bha e air a ghlùinean ag ùrnuigh, bha shùilean dùinte. An uair a thog e ’cheann ’s a dh’ fhosgail e shùilean cha robh an dithis dhaoine ri’m faicinn. Thog so mòran dhe’n eagal dheth. Ach anns a’ mhionaid thòisich i ri smaointean air ’athair. Thuirt e ris fhein:—“Na’m biodh m’ athair beò, am biodh e air son dhomh teicheadh air falbh as an dùthaich gu’n fhios do m’ mhathair? Cha bhitheadh; cha’n fhaodainn, na ’m b’ urrainn e mo chumail. Ach ’s e m’ athair a bhith marbh a chuir mise an so an nochd.” An uair a thoirt e so, thòisich e ri sileadh nan deur. An ùine ghoirid dh’fhalbh am bròn ’s an t-eagal dheth, agus choisich e sios rathad a chladaich gu leth ain-deonach; oir cha mhòr nach tug na smaointeanan a dh’ éirich ’na inntinn mu thimchioll ’athar air an ni a bha ’na bheachd a leigeadh buileach glan as a cheann. An uair a thainig e ann an sealladh na h-acarsaid, agus a chunnaic e an long, thog a chridhe rithe. Bheireadh e na chunnaic e riamh air son a bhith sàbhailte air bòrd innte. Chrom e sìos do’n chladach cho fad ’s leigeadh an làn leis, agus shuidh e air cloich. Thoisich e ri dhol fo ’smaointean ciod a dheanadh e. Na ’m biodh an latha geal ann, cha bhiodh dad a dh’ eagal air oidhirp a thoirt air snàmh gu cliathach na luinge; ach o’n a bha’n oidhche ann bha eagal air gu ’n rachadh a bhàthadh na’n tugadh e oidhirp air snàmh. An uair a bha o mar so eadar dhà chomhairle, chual’ e fuaim an taobh thall dheth a chuir clisgeadh air a chridhe. Bha ’m fuaim anabarrach coltach ri fuaim a dheanadh boirionnach bhiodh a’ nigheadh aodaich agus ’ga bhualadh le slachdan. Thuirt e ris fhein anns a’ mhionaid gur e a’ bhean-nighe a bh’ ann, agus gur dòcha gur e a léine-bhàis fhein a bha i a’ nigheadh. Anns an àm ud bha e air a chreidsinn gu cumanta gu robh creutair beag ann a bh’ ann an cruth ’s an cumadh coltach ri boirionnach agus a bhiodh ag obair le sleachdan-nigheadaireachd ann am bòrd locha, no ann an sruth aimhne, an uair a bhiodh duine gu bàs aithghearr sam bith ’fhaotainn anns an àite. Agus ged a bha ’athair an aghaidh a bhith ’toirt geill do bheachdan faoine dhe ’n t-seòrsa so, gidheadh fhuair am beachd so greim làidir air an inntinn aig Domhull. Ma bha eagal air an uair a chunnaic e an dithis dhaoine air Cnoc-a’-chùirn, bu mhò gu mòr a bha dh’ eagal air an uair a chual’ e am fuaim a bha ’n taobh thall dheth. Anns an àm cha tugadh e oidhirp air snàmh thun na luinge ged a gheibheadh a dha fhein i. Cha robh fhios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e. Bha h-uile duine air cadal aig an àm; agus mur cuireadh e seachad an oidhche ann an taigh-am-muigh cha robh aige ach a bhith air taobh cnoic, no ann an sgor creige, gus an tigeadh a’ mhadainn. Mu dheireadh an uair a dh’ fhalbh tomhas dhe’n eagal dheth, dh’ aithnich e nach robh am fuaim a bha e cluinntinn cho coltach ri fuaim slochdan-nigheadaireachd ’s a shaoil e an uair a chual’ e an toiseach e. Gus a sin is gann a bha de mhisnich aige na sheall an taobh o’n robh am fuaim a’ tighinn. Anns an àm bha ’n [TD 283] [Vol. 8. No. 36. p. 3] lìonadh a’ tighinn a steach gu math, agus thug e an aire gu’n robh geòla bheag air bhog làimh ris, agus ghrad thuig e gur e am fuaim a bha e cluinntinn agus a chuir eagal cho mòr air fuaim nan tonnan ri cliathach na geòla an uair a thoisich e ri tabhairt lìonaidh. Ghrad ghabh e null far an robh i, agus dh’ aithnich e gu ’m b’ ann le gillean Chaluim òig a bha i. An uair a chaidh e beagan fo’ smaointean, chuimhnich e gu’n cual’ e gu ’m biodh gillean Chaluim òig gu math tric a tighinn tarsuinn na h-acarsaid leis a’ gheòlaidh. Sin an uair a thuig e gur iad a chunnaic e air Cnoc-a’-chùirn agus nach b’e na seòladairean a bha marbh àireamh mhòr bhliadhnachan roimhe sin. Dh’ fhalbh an t-eagal dheth buileach glan. Agus cha b’e sin a mhàin ach cha robh e riamh roimhe cho toilichte ’s a bha e. An aon rud a bha ’chridhe ’miannachadh air an fheasgar ud—geòla bheag—bha i aige ann an sid, agus cha robh aige ach leum a steach innte an uair a chitheadh e an seòladair a’ leigeadh an lainntir sìos ris a’ chliathaich mar a gheall e. Dh’ atharraich a’ ghaoth anns an àm, agus thuig e gu’n robh i fàbharrach gu leòr do’n luing air son falbh as an acarsaid. Bha eagal air gu’m biodh an sgiobair ’s an sgiobadh air am bonn, agus gu ’m biodh iad a deanamh deas gu falbh gun dàil. Bha e ’na shuidhe anns a’ gheòlaidh agus ar leis gu’n robh a h-uile mionaid cho fad ri uair an uaireadair. Mu dheireadh, an uair a bha e gabhail ceud fadachd, chunnaic e ’bhith leigeadh an lainntear sios leis a’ chliathaich dà uair. Thuig e leis cho cabhagach ’sa bha ’m fear aig an robh an lainntear gu’n robh toil aige leigeadh ris dha gu ’m bu chòir dha greasad air. Gun dail sam bith dh’ fhalbh e o thìr leis a’ gheòlaidh, agus e ’ga sgoladh cho balbh ’s a b’ urrainn e. An uair a rainig e chliathach, rinn e greim air an ròp, agus ann an tiotadh fhuair e air bòrd. Cha robh duine ri fhaicinn; oir chaidh an seòladair a bha faire suas do’n toiseach a dh’ aon ghnothach a chum gu’m biodh e comasach a ràdh nach fhaca ’s nach cual e duine tighinn air bòrd. Cho luath ’s a b’ urre chaidh e am falach a measg nan seol a bh’ air bòrd. Cha robh e fad air a dhol am falach an uair a thuit e gu trom ’na chadal. Anns an àm thòisich a’ ghaoth ri beothachadh gu math; agus an uair a chunnaic am fear a bha faire gu’n robh an soirbheas fabharrach gu faighinn am mach as an acarsaid, chuir e an sgiobair agus an sgiobadh gu leir air an cois, agus gun dàil sam bith fhuaradh an long fo h-aodach, agus sheòl iad am mach as an acarsaid le soirbheas cho fabharrach ’s a dh’ iarradh iad. Bha Domhull ’na chadal cho trom ris a’ chloich fo na siùil, agus bha ’n long gu luath sunndach a’ falbh air bharraibh nan tonn le lan an t-siùil de shoirbheas ’na déigh. Suas mu mheadhoin latha thug Domhull smuaisleachadh air fhein agus e eadar a chadal ’s a dhùsgadh. Co thachair a bhith dlùth air laimh aig an àm ach an sgiobair. Thog e cearb an t-siùil, agus an uair a chunnaic e Domhull ’na shineadh rug e air chois air, agus tharruinn e ’mach o na siùil e. Cho luath ’s a chunnaic e e, dh’aithnich e e. Agus thuirt e ris le guth garg, “Ciod e, a dhearg shlaoightire, a chuir an so thu? Eirich gu h-ealamh ’s gu’n cuirinn an comhair do chinn leis a’ chliathaich thu.” Bha Domhull mionaid no dha ’na dhùsgadh mu’n tug e fa near c’àite an robh e. Dh’ eirich e ’na sheasamh, agus gun aon fhacal a radh, sheall e gu bog, similidh aìr an sgiobhair an clàr an aodainn. Anns an àm bha ’n àireamh bu mhò dhe ’n sgiobadh air cruinneachadh mu’n cuairt dha. Bha ’n sgiobair ’ga chaineadh agus a’ maoigheadh a ghrad chur gu bas ach cha robh ’na bheachd cron sam bith a dheanamh air. Cheasnaich e an sgiobadh feuch am faigheadh e ’mach an d’ thug a h-aon aca cuideachadh do Dhomhull gus a dhol air bòrd; ach thuirt iad uile nach fhaca ’s nach d’ fhairich iad e dol gu bòrd. An uair a cheasnaicheadh Domhull fhein, thuirt e gu’n robh toil a chridhe aige faotainn gu bòrd agus falbh a sheòladh, o nach robh an obair a bh’ aige ’cordadh ris, agus an uair a thainig e thun a’ chladaich ’s a chunnaic e ’geola gu’n do smaoinich e gu’m b’ fhearr dha feuchainn ri dhol air bòrd. O’n a thachair gu’n robh ròpa leis a’ chliathaich, gu’n do greimich e ris, agus mar sin gu’n d’ fhuair e ar bòrd gun duine ’ga fhaicinn. Dh’ éisd an sgiobair ris gu foighiddeach; agus an uair a chuir Domhull crioch air na bh’ aige ri ràdh thuirt an sgiobair ris:—“Ged a cheadaicheadh an lagh dhomh do mharbhadh, no do thilgeadh am mach leis a’ chliathaich, cha deanainn e; oir rinn mi fhein a cheart rud a rinn thusa—theich mi gu muir gun fhios do m’ athair ’s do m’ mhàthair, agus ma tha e cearr dhutsa deanamh mar a rinn thu, bha e ’cheart cho cearr dhomhsa deanamh mar a rinn mi fhein. Ach cuirear air tir thu anns a cheud bhaile-puirt do ’n teid sinn, agus cha bhi ’n corr gnothaich againn riut.” (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. II. B’ e Nouredin a b’ ainm do ’n aon mhac a bh’ aig Cacan; agus, mar a bha nadarra gu leor, bha cead aige a dhol cho tric ’s a thogradh e do sheomar a mhathar. Agus mar bu trice bhiodh e ’gabhail a bhiadh comhladh rithe. Bha e ’na dhuine og gle speis ealta, tlachdar, agus car beag dana ’na dhoighean. Agus o ’n a bha e air leith deadh-fhaclach, geur-chuiseach, bheireadh e air muinntir eile iomadh rud a dheanamh air a chomhairle. Chunnaic e Bean na Maise; agus o ’n cheud uair a bhruidhinn e rithe, ged a bha fhios aige gu ’m b’ ann do ’n righ a cheannaicheadh i, cha do chuir e bacadh sam bith air an trom ghaol anns an do thuit e oirre. An aite so, is ann a leig e leis fhein tuiteam ann an gaol cho mor oirre ’s gu ’n do chuir e roimhe a cheud uair a chunnaic e i gu ’n deanadh e gach ni a ghabhadh deanamh gus a toirt o ’n righ. Air an laimh eile, cha robh mi-thlachd sam bith aig Bean na Maise do Nouredin. Ars’ ise rithe fhein, “Chuir an t-ard-chomhairleach de dh’ urram orm gu ’n do cheannaich e mi do righ Bhalsora; ach bhithinn ’g am mheas fhein gle shona nam bithinn dh’ a aon mhac fhein a cheannaich e mi.” Bha Nouredin a’ gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh e air a bhith ’faicinn agus a’ comhradh ri Bean na Maise; oir cha ’n iarradh e falbh as a sealladh gus an ordaicheadh a mhathair air falbh e. “A mhic,” ars’ ise, “cha ’n ’eil e iomchuidh do dhuine og mar a tha thusa a bhith ’n comhnuidh ann an seomraichean nam boirionnach. Bi falbh, agus thoir an aire air do chuid foghlum. Agus feuch ri thu fhein a dheanamh freagarrach air son an t-suidheachaidh aird, urramaich anns am bheil d’ athair.” O ’n a bha Bean na Maise uine fhada gun a bhith air a faragadh, a thaobh gu ’n d’ thainig i air astar fada, thug bean Chacain fa near an seomar faragaidh a bh’ anns an tigh a chur an ordugh air a son. Chuireadh aireamh dhe na searbhantan comhladh rithe gus a h-uile frithealadh feumail a dheanamh dhi, mar a dheanadh iad do ’m banamhaighstir; agus an deigh dhaibh a faragadh, bha aca ris an trusgan riomhach a cheannaicheadh dhi a chur uimpe. A chum gu’m faiceadh fear an taighe gu’n robh toil aice gach ni a dheanamh gus a thoileachadh, thug i fa near gu ’n deanteadh gach ni mar a dh’ iarr e. Cho luath ’s a thainig Bean na Maise as an t-seomar fharagaidh, agus i moran na bu mhaisiche na bha i roimhe, chaidh i far an robh bean an taighe. Is gann a dh’ aithnich bean an taighe i. Thug Bean na Maise pog do lamh bean an taighe, agus thuirt i rithe, “A bhaintighearna, cha ’n ’eil fhios agam cia mar a tha mi ’cordadh ribh anns an trusgan ur so a fhuair sibh dhomh; ach tha na mnathan frithealaidh ag radh gu’m bheil e ’tighinn dhomh cho math ’s gur gann a dh’ aithnicheas iad mi. Tha mi cinnteach gur ann a’ brosgal rium a tha iad. Tha dochas agam gu’n innis sibhse an fhirinn dhomh. Ach ma tha iad ag innseadh na firinn, is coir dhomh a bhith gle fhada ’nur comain-se air son na maise a tha ’n trusgan a’ cur orm.” “Oh! mo nighean,” arsa bean Chacain, agus aoibhneas mor oirre, “na bi ’smaointean gur ann a’ brosgal riut a tha na mnathan frithealaidh idir. Is aithne dhomhsa ciod a th’ann am maise na’s fhearr na ’s aithne dhaibh-san. Agus gun ghuth a thoirt air an trusgan a tha ’tighinn dhut cho math, dh’ fhag am faragadh do mhaise cho mor ’s gur gann a dh’ aithnicheas mi thu. Nan saoilinn gu’m bheil an t-uisge blath gu leor fhathast, rachainn fhein g’ am fharagadh; oir tha mi nis air fas cho sean ’s gu’m feum mi dhol g’ am faragadh gu math tric.” “A bhaintighearna,” arsa Bean na Maise, “cha ’n ’eil dad agam ri radh mu dheidhinn nan caoimneasan a tha sibh a’ nochdadh dhomh. Ach mu dheidhinn an t-seomar fhargaidh, tha e ann an deadh ordugh. Agus ma tha toil agaibhse a dhol ann, is fhearr dhuibh gun dail sam bith a dheanamh. Innsidh na mnathan so dhuibh cho math riumsa.” O nach robh bean Chacain ’g a faragadh fhein car uine roimhe sin, bha toil aice an cothrom a ghabhail an uair ud. Dh’ innis i do na mnathan frithealaidh an ni a bha i gus a dheanamh, agus rinn iad gun dail gach deis ealachd a bha feumail air a son. Chaidh Bean na Maise dh’ a seomar fhein; agus mu’n deachaidh bean Chacain do ’n t-seomar fharagaidh, thug i ordugh do dhithis shearbhantan fuireach a’ gleidheadh an doruis air eagal gu’m faigheadh Nouredin a steach do’n t-seomar anns an robh Bean na Maise. Am feadh ’sa bha bean Chacain ’g a faragadh fhein, thainig Nouredin a steach do sheomar a mhathar, agus an uair a chunnaic e nach robh i ann, agus a fhuair e fios gu’n robh i anns an t-seomar fhargaidh, ghabh e direach gu seomar Bean na maise; agus dh’ fheoraich e dhe ’n dithis shearbhantan a bh’ aig dorus an t-seomair, c’aite an robh Bean na Maise. Thuirt iad ris gu’n robh i anns an t-seomar; agus thuirt iad ris gu’n robh ordugh teann aca gun a leigeadh a steach. An uair a thug e ionnsuidh air a dhol a steach, sheas an dithis shearbhantan anns an dorus roimhe. Ach rug esan orra, agus thilg e air falbh iad; agus an uair a chaidh e steach, ghlas e an dorus. Am mach a ghabh na searbhantan ’nan deannaibh thun an t-seomair fharagaidh far an robh am bana-mhaighstir, agus iad a’ glaodhaich aird an claiginn, agus a sileadh nan deur gu frasach. Agus dh’ innis iad dhi gu’n do thilg Nouredin o’n dorus iad, agus gu’n deachaidh e steach do sheo mar Bean na Maise ge b’ oil leotha. An uair a chuala bean Chacain gu ’n robh a mac cho ann-dana ’s gu’n d’ (Air a leantuinn air taobh 286.) [TD 284] [Vol. 8. No. 36. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, APRIL 6, 1900. Tha na Boers a reir coltais a fas searbh dhe na chogadh a thug iad orra fhéin; tha iad a nise faicinn nach eil iad a dol a dh’ fhaotainn as cho math ’s bu mhath leotha. Bha iad an duil, ’nuair a dh’ éibh iad an cogadh gu rachadh aca air na bailtean ’s na h-àitean daighnichte bh’ aig Breatunn an Ceann a Deas Africa a ghlacadh mu’m faigheadh Breatunn arm a b’ fhiach a chur d’ an dùthaich. Ach chaidh sin ’nan aghaidh; ged a chuir iad séisd ri Ladysmith, Kimberly us Mafeking, sheas na bailtean sin ’nan aghaidh gu treun gus an robh iad air am fuasgladh mar is aithne dhuinn uile. Agus ged a fhuair iad buaidh air an arm Bhreatunnach ann am barrachd bhlàr ’s bu mhath leinne, cha d’ rinn na buaidhean sin moran feuma dhaibh. Bha iad mar an ceudna an dùil nach leigeadh na rioghachdan mor Eòrpach le Breatunn gabhail orra gu ro dhona, ach gu’n rachadh iad ’san eadraiginn ’s gu’n cuireadh iad mar fhiachaibh air Breatunn riaghladh an Transvaal ’s an Orange Free State fhàgail an lamhan nam Boers mar a bha e roimhe. Chuir iad teachdaire, Dr. Leyds, do ’n Roinn-Eòrpa air son sin a thoirt mu’n cuairt, ach cha deachaidh leis idir; ged nach eil gradh mor sam bith aig na rioghachdan mora do Bhreatunn, ’si chluas bhdohar a chum iad ri tagradh Dr. Leyds. Tha Cruger agus Steyn a nise, faicinn gu’n d’ rinn iad mearachd mor an uair a thòisich iad an cogadh, agus tha iad gu seòlta a gabhail orra gu robh iadsan toigheach air an t-sith a chumail o thoiseach, ach gu’n d’ thug Breatunn orra tòiseachadh le bhi bagairt an còirichean a thoirt uapa. Ach a dh’ aindeoin na their iad, leanaidh an cogadh gus am bi an da dhùthaich gu h-iomlan fo riaghladh Bhreatunn, agus am bi Cruger us Steyn a cumail comuinn ri Cronje, air eilean St. Helena, far an do chuir Bonaparte ainmeil seachad na bliadhnaichean mu dheireadh dhe bheatha. Tha a Bhan-righ air an t-seachdain so ann an Eirinn. Chaidh i air tir ann am Bail-a-cliath Di-ciaduin, agus chuir muinntir ceanna-bhaile na h-Eirinn agus na chunnaic as an dùth mu’n cuairt “ceud mile fàilte” oirre. Bha mu mhuillean de shluagh anns a bhaile fad an latha agus ged a bha cha deachaidh duine ghlacadh air son mi-riaghailt, agus cha do thachair cha mhor sgiorradh ’nam measg. Bha mu sheachd mile saighdear air an taruinn suas air gach taobh dhe’n rathad o’n laimhrig gu ruige ’n caisteal anns an anns an robh i dhol a ghabhail comhnuidh ’s chaidh gach ni air adhart gu h-òrdail. Tha muinntir na h-Eirinn anabarrach toilichte dhe’n Bhan-righnn air son i dol ’gan amharc aig an àm so, agus tha moran ag altrum an dòchais nach bi iad an deigh so ag amharc air na Sasunnaich no air a Chrun Bhreatunnach mar naimhdean an dùthcha, agus gu’m bi iad ag amharc orra fhéin na’s mo agus na’s mo mar Bhreatunnaich. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ fhuair Eirinn a sàrachadh gu goirt leis na Sasunnaich ’s na linntean a dh’ fhalbh, ach shiubhail sin, agus an diugh tha a sluagh a mealtuinn gach sochair agus còir a tha aig na Sasunnaich fhéin. Tha e uime sin iomchuidh gu’m biodh an spiorad naimhdeil a tha cur eadar an da dhùthaich air a chur air chùl, agus tha e gle choltach gu’m bi turus Victorià ’na seann aois do’n eilean uaine na mheadhon air sin, ann an tomhas mor, a thoirt gu crich. Cha’n eil cùisean anns an Orange Free State an drasda cho math ’s bu mhath leinn. Di-haoine s’a chaidh chuir na Boers cho cruaidh ri earainn dhen arm Bhreatunnach a bha air ghearasdan aig Thaba Nachu mu choig mile fichead an ear air Bloemfontein, ’s gu’m b’ fheudar dhaibh an t-àite fhágail. Maduinn Di-sathurna rinn iad feall-fhallach air buidheann de’n eachraidh agus ghlac iad seachd gunnaichean-mora, an imrich uile, agus da cheud de na saighdearan. A bharrachd air sin bha mu cheud gu leth dhe na saighdearan air am marbhadh ’s air an leon. Tha na gunnaichean aig na Boers fhathast. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dec. 8, ’99.—1yr. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. [TD 285] [Vol. 8. No. 36. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha ’n réiseamaid Bhreatunnach a bha air ghearasdan ann a Halifax an deigh a dhol a null do Shasuinn. Tha reiseamaid a thatar a togail an Canada a’ gabhail a h-àite. Tha Diuc Norfolk an deigh a dhreuchd mar ard phost-mhaighstir am Breatuinn a leigeil uaithe, air son a dhol a dh’Africa Deas a ghabhail pairt ’sa chogadh an aghidh nam Boers. Tha Mr. J. S. Carder, ard chleireach an International Steamship Co., Boston, ann an Ceap Breatunn an dràsda a cur air adhart gnothuich na cuideachd sin. Tha soithichean-smuide na cuideachd a ruith eadar St. John us Boston, a taghal air am falbh ’s air an tighinn ann an Eastport ’s am Portland, Maine. Thainig bas gle aithghearr air F. D. Laurie, ann a Halifax toiseach na seachdain so. Thuit e marbh air an t-sràid le tinneas a chridhe. Bha Mr. Laurie àireamh bhliadhnaichean air ais ’na fhear-riaghlaidh air an rathad-iaruinn eadar so us Truro, agus uaithe sin bha e bliadhna ’na àrd-bhaillidh air New Glasgow. Dh’ fhàg e bean us teaghlach. Tha muinntir Fox Bay, a tha air an cur air falbh a eilean Anticosti, a reir coltais, a dol a shuidheachadh ann an Ceap Breatuinn. Tha cuideachd a ghuail a dol a thoirt obair dhaibh anns na meinnean an Glace Bay, agus mur còrd an cosnadh sin riutha, faodaidh iad a dhol dh’ionnsuidh nan cladaichean agus am beolaind a dheanamh air an iasgach, a cheaird a bh’aca aig an dachaidhean fhéin. Tha an acarsaid an so a nise fosgailte, agus cha’n eil ach gle bheag deighe ri fhaicinn. Ma dh’ fhanas an deigh mhor air falbh bidh an t-earrach cho briagha ’sa bha ’n geamhradh. Thòisich am Peerless air ruith eadar an da Shidni ’s am Pier Di-luain. Tha i gach lath a fàgail Sidni Tuath aig 6.15, 8.00 is 10.00, a. m; agus 1.00, 3.00 is 5.00, p. m; agus a fagail Shidni aig 7.00, 9.00 is 11,00, a. m; agus 2.00, 4.00 is 7.00 p. m. Tha’n rathad-iaruinn air a chumail anabarrach trang aig an am so; tha carbadan a falbh ’sa tighinn aig gach uair, a latha ’sa dh’ oidhche, agus ged a tha cha’n urrainn dhaibh cumail suas ris an obair. Tha na marsantan a’ gearan gu dona; tha ’n cuid bathair a toirt ùine mhor air an rathad, agus tha iad mar sin air an cur gu call nach beag. Cha’n eil an rathad air a dheanamh math gu leor air son uiread falbh a bhi air, agus tha e fàs gle dhona ann an aiteachan. Tha fiodh anabarrach gann anns a bhaile ’n dràsda. Tha gnothuichean cho ceangailte air an rathad-iaruinn ’s nach urrainnear na thathar air son a chur am feum a thoirt thairis air, agus cha d’fhuair na soithichean cothrom air tighinn fhathast. Nuair a gheobh, chán eil teagamh nach bi fiodh gu leòr ri fhaotainn. Air saileabh na gainne so tha moran de na saoir nan tàmh aig an àm so, agus tha cuid dhiubh air a dhol gu cosnadh eile gus am bi e comasach dhaibh a dhol a dh’obair air an ceaird fhèin. Chaidh Eaglais Chaitliceach a chosg deich mile dolair a losgadh ann a Yarmouth air an t-seachdain ’sa chaidh. Cha robh de dh’ airgiod-urrais oirre ach tri mile dolair. Cha robh iasgach nan ròn riamh cho math an Newfoundland ’sa bha e air an earrach so. Cha deachaidh soitheach a mach aig nach robh luchd math a tilleadh, agus cha do chuireadh beatha duine ’n cunnart fhad ’sa bha iad a mach. Dh’ fhaoighneachd fear-ceasnachaidh nan sgoilean gu de bu chaiall do ’n fhacal “eilthireach”. Fhreagair fear de na sgoilearan gum b’ e sin “duine bhios a falbh o àite gu àite.” “Bidh misse ’falbh o àite gu àite,” ars am fear-ceasnachaidh; an e eilthireach a th’annam?” “O, cha’n e, ars an gille, “feumaidh eilthireach a bhi ’na dhuine math! Chaidh duin’ òg d’am b’ainm Eoseph Mac Gill-fhinnein, (mac Ailein) a mharbhadh ann am méinn an Dominion ’sa mhaduinn Dior-daoin. Bha e draibheadh anns a mhèinn agus chaidh an carbad bhar an rathaid, a bualadh ann am posta. Dh’fhuasgail sin clach mhor anns a mhullach a thuit air-san ’sa mharbh e. Cha robh e ach ochd bliadhn’ deug a dh’aois. Chaidh fear de na h-Eadailtich a bha air an glacadh an Louisburg fheuchainn air beulaobh a bhreitheamh Dodd deireadh na seachdain s’a chaidh, agus chaidh a shaoradh. Bha e air fheuchainn airson am maor Beckham a bhualadh le cas piocaid, ach cha b’ urrainnear a dhearbhadh gu ’n d’ rinn e sin, agus fhuair e m’a sgaoil. Tha am fear eile ri bhi air fheuchainn aig a’ chùirt mhòir toiseach an t-samhraidh. Tha àireamh mhor dhaoine, sean us òg, a dol dh’an phriosan ’sna h-amannan so; cha’n eil ach gann latha dol seachad gun cheathrar no choignear a bhi air an cur a stigh, a chuid a’s motha air son daoraich us mi-riaghailt. Tha cuid a pàigheadh na h-ùbhladh ’sa faighinn an saorsa an deigh oidhche chur seachad ann an “tigh-òsda na ban-righ’nn”. Iadsan nach urrainn sin a dheanamh, tha aca ri fuireach fo ghlais fichead no deich air fhichead latha. Chuir ban-sgoilear agus sgoilearan Orangedale ceithir dolair dheug cruinn air son cuideachadh le saighdearan Chanada, agus an càrdean a dh’fhàg iad ’nan deigh. Rinn iad an t-suim so a chur cruinn mu dheireadh Ianuaraidh, agus b’iad an darra sgoil an Ceap Breatunn a chuidich leis an aobhar. B’i sgoil Shidni a cheud te. Tha e taitneach a bhi ’faicinn na cloinne air an dòigh so a taisbeanadh an gràidh dàn dùthaich agus dhaibsan a tha cogadh os a leth. Oidhche Di-ciaduin s’a chaidh, chaidh bristeadh a stigh do ’n stor feòla aig MacNeill & Gough, agus chaidh ochd dolair a dh’ airgead agus uaireadair òir a ghoid as. Tha iad an duil gu’n teid aca air a mheairleach a lorgachadh a mach ’sa thoirt gu ceartas. Fhuair e stigh le lòsan a bhristeadh as an uinneig. Thug cuideiginn ionnsuidh air faotainn a stigh do’n stor aig Z. Tingley oidhche no dha roimhe sin, ach cha deachaidh leis; mu’n d’ fhuair e stigh chualas e, agus b’fheudar dha teicheadh. SYDNEY CASH STORE. Sidni. - J. C. Mills, - Sidni. Tha sinn a’ fosgladh roinn de Bhathar Earraich a tha anabarrach math—gach seorsa air an cuirear feum ann an tigh. Tha ar Caileagu Sasunnach dhe gach seorsa a nise stigh, agus theid againn air an creic na’s saoire na gheibhear iad an aite sam bith eile, oir cheannaich sinn iad o chionn fada, mu’n do dh’ eirich a phris. Taghail againn. J. C. MILLS. Sidni, C. B. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. Tha an t-ard Riaghladh a dol a chur rails ùra air an rathad iaruinn an Ceap Breatuinn; bidh iad cho trom ’s cho làidir ’s gun seas iad gu math ris an fhalbh a tha air an rathad. Tha an riaghladh mar an ceudna dol a chur gnothuichean postail air doigh an Sidni chum ’s gu’m bi deisealachd aig muinntir a bhaile na’s fhearr na tha aca o’n thainig an obair iaruinn do’n àite. Fhuair uachdaran Eirionnach a bha deanamh a dhachaidh ann an Lunnainn litir o’n bhàillidh a dh’ fhag e air an oighreachd, “Tha ’n tuath an deigh tionndaidh ad’ aghaidh; cha phàigh iad am màl, agus tha iad a bagradh mise mharbhadh. Feumaidh mi an t-àite fhagail.” Sgriobh an t-uachdaran air ais, “Fuirich far a bheil thu; ma tha an tuath a smaoineachadh gu’n cuir iad an t-eagal ormsa le bhi maoidheadh thusa mharbhadh, leigidh mis’ fhaicinn dhaibh gu bheil iad gu mor air am mealladh!” BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. [TD 286] [Vol. 8. No. 36. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 283.) rinn e a leithid de ghniomh mi-iomchuidh, ghabh i ioghnadh is dragh-inntinn nach bu bheag. Sguir i dhe ’fargadh, agus cho ealamh ’s a bh’ aice, chuir i uimpe a cuid aodaich, agus chaidh i direach do’n t-seomar aig Bean na Maise. Ach mu ’n d’ rainig i, thug Nouredin e fhein as. Bha ioghnadh anabarrach air Bean na Maise an uair a chunnaic i bean Chacain a’ dol a steach do’n t-seomar gu deurach, agus i gu mor troimh a cheile. “A bhaintighearna,” ars’ ise, “am faod mi fheorach dhibh car son a tha sibh ’na leithid sin de staid? An do thachair tubaist sam bith dhiubh anns an t-seomar fharagaidh an uair a thainig sibh as cho trath?” “Ciod e tha thu ’g radh!” arsa bean Chacain, “cia mar is urrainn dut bruidhinn cho ciuin sin an uair a tha mo mhac Nouredin an deis a bhith ’na onar anns an t-seomar maille riut? Am b’urrainn mi-fhortan bu mho tachairt dhomhsa?” “Tha mi ’guidh oirbh, a bhaintighearna,” arsa Bean na Maise, “gu ’n innis sibh dhomh ciod an cron a rinn Nouredin air fhein no oirbhse le tighinn a steach an so?” “Ciod e tha thu ’g radh!” ars’ ise; “nach d’ innis fear an taighe dhut gu ’m b’ ann do ’n righ a cheannaich e thu, agus nach robh sin gu leor gus a thoirt ort a bhith air d’fhaiceall roimh Nouredin?” “Cha do dhichuimhnich mi sin idir,” arsa Bean na Maise. “Ach thainig do mhac a steach, agus dh’ innis e dhomh gu’n d’ atharraich ’athair ’inntinn, agus an aite mise thoirt do’n righ, mar a bha ’na bheachd a dheanamh an toiseach, gu’n d’ thug e dha fhein mi. Chreid mise anns a’ mhionaid e, a bhaintighearna; agus faodaidh sibh a chreidsinn gu’n robh e nadarra gu leor dhomhsa, air dhomh a bhith o laithean m’ oige fo smaig aig daoine, a bhith ’smaointean gu’n robh e ag innseadh na firinn dhomh. Agus feumaidh mi aideachadh gu’n robh mi na bu deise gus a chreidsinn a chionn gu ’n d’ thug gach comhradh taitneach a bh’ eadrainn o chionn iomadh latha orm tuiteam ann an gaol trom air. Cha chuireadh e doilghios sam bith orm ged nach tugtadh do’n righ gu brath mi; oir cha ’n iarrainn sonas bu mho anns an t-saoghal so na mo bheatha gu leir a chaitheamh ann an cuideachd Nouredin.” An uair a chuala bean Chacain na briathran a labhair Bean na Maise, thuirt i, “B’ fhearr leam gu’n tachradh mar a tha thu ’g radh. Bheireadh e aoibhneas gu leor dhomh. Ach, creid mise, thug Nouredin an car asad; oir cha ’n ’eil e comasach gu’n deanadh ’athair mar a bha Nouredin ag radh. Ah! an creutair truagh, cha bheag an doilghios a chuir a ghnothaichean ormsa. Agus cha ’n ann air athair is lugha bhios de dhoilghios an uair a chuinneas e mar a thachair. Cha chum aon chuid mo ghuidhe-sa, no mo dheoir ’athair o throm dhioghaltas a dheanamh air. Cha luaithe ’chluinneas e mar a thachair na chuireas e gu bas e.” An uair a thuirt i so, thoisich i ri sileadh nan deur gu frasach. Agus leis an eagal a bh’ air Bean na Maise gu’n eireadh beud do Nouredin, thoisich i ri gul ’s ri caoidh mar an ceudna. Beagan uine na dheigh sid, thainig Cacan, an t-ard-chomhairleach, a steach do’n t-seomar far an robh iad, agus bha ioghnadh gu leor air an uair a chunnaic e a bhean agus na searbhantan gu tursach, deurach, bronach, agus Bean na Maise fo bhron ’s fo lionn dubh. Ghrad dh’fheoraich e ciod e aobhar am broin. Ach an aite freagairt a thoirt dha is ann a chaidh iad uile gu bron ’s gu tuirse na bu mho’s na bu mho. Chuir so am barrachd ioghnaidh air. Mu dheireadh thuirt e ris a mhnaoi, “Innis dhomh gun dail car son a tha sibh a’ gul ’s a’ caoidh air an doigh sin, agus feuch gu’n innis thu dhomh an fhirinn uile, gun ni ach an fhirinn.” Tursach, deurach ’s mar a bha a bhean, dh’fheumadh i umhlachd a thoirt d’ a fear. “Mo thighearna,” ars’ ise, “geall dhomh an toiseach nach bi diumbadh ort rium air son na bheil agam ri innseadh dhut; oir faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi nach robh coire sam bith agam ris an ni a thachair.” Gun fheitheamh ri freagairt fhaotainn uaithe, thuirt i, “An uair a bha mi fhin ’s na searbhantan ’s an taigh-fharagaidh, ghabh do mhac cothrom air tighinn a steach an so far an robh Bean na Maise ’na h-onar, agus thug e oirre a chreidsinn gu’m b’ann dha fhein, agus nach b’ann do’n righ, a bha sibh ’g a gleidheadh, agus gu’n d’ thug sibh cead dha coir a ghabhail oirre. Cha’n ’eil fhios agamsa ciod an t-olc a rinn e an deigh dha na breugan uamhasach ud a dheanamh. Sin agaibh aobhar ar broin; agus tha sinn a cheart cho bronach air broin; agus tha sinn air ar son fhein. Cha ’n e a chuis-san a’s lugha tha ’cur de dhragh-inntinn oirnn; oir is gann gur urrainn mi iarraidh oirbh mathanas a thoirt dha.” (Ri leantuinn.) NA H-AINGIL AGUS BREITH CHRIOSD. Ma bha taisbeanadh air an t-saoghail neo-leirsinneach riamh ann, b’ ann ann an staid agus suidheachadh nan cuisean a bha mu thimchioll eiridh an Tiomnaidh Nuaidh a bha e. Cha ’n ’eil againn ach teannachadh ri litrichean Abstoil Phoil agus is leir dhuinn gur e an saoghal eile is anail da, ’ga chuartachadh, ga lionadh, agus a cur suarach ’na bheachd gach ni eile. Cha’n ’eil e ’ga radh sin, agus is beag feum a tha aige air a radh. Tha a’ gharbh-chuid de na their e a’ thaobh an t-saoghail eile, air a chur ann, mar gu’m b’ eadh, eadar dha sgeul, agus cha’n ann airson aire an leughadair a’ thoirt air a’ chùis a dh’ aon ghnothuch. Agus ma tha so fior a’ thaobh dara leth na ciad linn is soilleire gu mor a tha e fior a thaobh a chiad leith; oir is e a chiad neach a chithear leinn anns an sgeul dhruighteach shuaimhneach sin do’m brigh breith ar Tighearn, agus na thachair beagan roimhe an ioghnadh ud, fear de’n fheadhainn neamhaidh ris an goirear leinn, Ainglean. Agus cha b’ ann a dh’ aon àite no a dh’ aon neach a mhàin a chuireadh an teachdaire naomh. Nochd e e féin do Sacharias anns an Teampuill Mhor, agus chunnaic Muire, a bha gu bhi ’na mnaoi aig Ioseph e, agus i ’na seomar féin ann an Nasareth. Chunnaic na bruachaillean e, comhla ri feachd mor de a chompanaich, faisg air Betlehem. Chunnaic Ioseph féin e da uair, ann am bruadar, agus rinn e a’ reir an t-sanais a fhuair e. A nis, gabhaidh bruadar a’ chuir a leth thaobh mar rud suarach. Ach, cha ’n ann ann am bruadar a chunnaic Sacharias, Ioseph, Muire no na buachaillean e, agus cha’n ann an aisling a rinn iad comh-luadar ri teachdaire an De is àirde. Cha tric le Dia ach is ann ro ainmic leis, briseadh a dheanamh air an tosdachd a tha a’ cumail bith-bhuantachd an cleith oirnn. Nan deanadh e miorbhuilean a h-uile latha, chuireamaid suarach iad, agus cha bu shuaicheantasan dhuinn idir iad. Ge beo sinn, cha’n eil sinn a’toirt a’thaing sin da-san. Ge ciatach an latha, nach i a’ ghrian a tha ’ga shoillseachadh? Nach i obair ar làmhan féin a tha ’gar cumail suas? Is ann dhuinn a bu chòir a mholadh sin a thoirt. Mar is eolaiche sinn, is ann is cleachdta agus mar is cleachdta is ann is taireile. Tha fhios sin aig Dia ni ’s fhearr na tha e againn-ne, agus mar sin is iad miorbhuilean ainmic agus neo-àbhaisteach, a chuireas e an ceill an uair is math leis dearbhadh dhuinn gur e fein a tha ’labhairt, agus gur ann uaithe a tha an teachdaireachd. Brisidh esan air a’ bhalbhannachd agus ma bhriseas, cha b’ ioghnadh ged a thigeadh luchd-àiteachaidh nèimh, àite féin, a’ dh’ ullachadh an rathaid roimhe, agus ged nach bitheadh e fein air a bhreith air an doigh chumanta. Tha iomradh againn air mar a nochdadh ainglean do dhaoine aig caochladh uairean; agus uair ge’n tàinig iad, cha tainig gun aobhar cudthromach. Is cudthromach obair an Tighearna. Cha ghabh i seachnadh. Cha leig e le leatha sleamhnachadh. Is iad na h-ainglean is luchd-frithealaidh dha. Ach fad ceithir ceud bliadhna roimh teachd a mhic, cha do rinn aingeal sam bith taisbeanadh, agus bha sluagh-taghta Dhe gun ghuth a Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 287] [Vol. 8. No. 36. p. 7] an t-siorruidheachd ’nam measg, agus an cinneadh a b’ ionad-tasgaidh do thoil an Tighearna, cha d’ éirich fàidh dhaibh. Ach ge b’fhada an oidhche, thainig an la. Agus b’e la an Tighearna e, da rireadh, an uair a thainig. Chaidh briseadh air an dorchadas, agus iadsan a bha nan suidh ann (suidh a’n eu-dòchais) chunnaic iad solus mor. Thigear an t-aingeal fa chomhair an t-sagairt, Sacharias, agus esan ris an obair a theirigeadh gu h-aithghearr. Cha’n fhuilear nach ann o’n t-sagart a gheibhear an sgeul. Dh’ aithnich e nach b’ ann de’n talamh so do’n neach a sheas ’na làthair. Ged a bha aig an àm fadal mor air na h-Iudhaich ris na gheall na faidhean gu’n tigeadh, agus ged a bha gu sonruichte dùil làidir aig Sacharias ris an ni chiadna, gidheadh thainig a chùis gle obann air. Bha eagal a chridhe air, an àm da an t-aingeal ’fhaicinn. Tha daoine ionraic fiosrach air, nach iomchuidh dhaibh roinn ’nam beatha a bhi aca ri dùilean gun pheacadh. Bu gheal, briagha, ’glan caitheamh-beatha Shacharias agus caitheamh-beatha a mhna. Gidheadh bha eòlas aige air a chridhe féin; thuig e gu’m bu pheacach an cridhe sin; agus thainig crith air, an uair a chunnaic e bòidhchead uamhasach nan speur r’a fhoillseachadh air an fhlath a thàinig o nèamh, agus boillsgeadh a’ bhòidhchead sin a’ toirt a fhradhairc uaithe. Nach mor am feum a chuirteadh air an Ti bheannaichte, a chuireadh saor sinn gu bràth o an eagal ud a dh’ fhàgas gun chli sinn, eagal a bhàis, eagal toradh a’ pheacaidh. An duine sin a tha umhail ann an sealladh Dhe, agus a tha air aodach a’ nigheadh ann an fuil a Shlànuighir, cha rug e leas an t-eagal sin a’ bhi air; seasaidh e, ma’s ann an Criosd da, gun bhaobhal ann an làthair an De bheò agus thròcairich. Bha briathran an aingil (a’ Thighearna, gur tu ar cobhair) lan comfhurtachd; thubhairt e ris an deagh shagart a bha sean, gun e ’ghabhail an eagail gu’n d’ thug Dia cluas ri ùrnuigh a chridhe, gu’m beirteadh dha, ge sean e mach a bhitheadh ’na teachdaire roimh an Tighearn, agus na fhear-dàimh a bu dlùithe da, agus gur ann o Dhia a bhitheadh a fhagail sin aig an t-sean sagart. Thugadh do Shacharias comharra gu’n robh an fhirinn aig an aingeal, agus b’e so a’ chomharra; gu’m bitheadh e balbh gus an tachradh mar a dh’ innseadh dha; bha sin na achmhasan do Thacharias airson a mhi-chreidimh. Tha iomradh air a thoirt air iomadh aingeal ann an leabhraichean a Bhiouill. Cha’n eil ach dithis dhiubh air an aìnmicheadh. Gabriel “fear le Dia,” agus Michael, “fear coltach ri Dia.” Ann an taisbeanadh an Naoimh, Eoin, (VIII. 2.) tha iomradh againn air seachd ainglean a sheas am fianuis Dhe. Mar a tha Gabriel ’ga shloinneadh féin air an doigh ud, tha e coltach gu’m bheil e air aon diubh sud. Chuireadh Gabriel sia miosan ’na dheigh sin, air teachdaireachd eile, a dh’ ionnsuidh Muire, mathair an Tighearna. Cha ruigear a leas tighinn thairis air na dh’ innis e di. Na rachadh a’ ghineadh ann am Muire, cha b’ ann o dhaoine dha. Ach b’ ann leis an Spiorad Naomh a dh’ fhasadh i torrach. Agus tha reuson an duine ag aideachadh gu’m bu cheart, iomchuidh e sin. Oir tha fios againn gu’n d’ thainig sinn o Dhia, agus mar sin nach fhaod Dia tighinn uainn. Cha ’n eil dol as o’n fhirinn ud. Ma thig Mac Dhe, cha tig e mar a thigeadh duine. Nan tigeadh e mar a thigeadh duine, cha b’e Mac Dhe a bhitheadh ann. Cha ’n eil mi ’ga radh gu’m bheil an sgeul furasda r’a thuigsinn; is fada bhuam a chuirinn a leithid de smuain, ach tha de thoinisg againn uile na thuigeas, anns a’ cheud aite, gu’m feumadh mac De an fheoil a’ chuir air chum ’s gu ’n tigeadh e os ar comhair, agus chum ’s gu’m bu dearbh agus deimhin leinn gu’m b’ esan a bh’ ann, chum ’s gu’m fàsamaidne ’nar bràithrean da agus trid-san ’nar mic do Dhia, chum ’s gu’n giùlaineadh e ar n-anmhuinneachdan a’ reir mar a labhair am fàidh, chum ’s gu’m biodh compairt fhireannach aige-san annainne, a dh’ aon fhacal, chum ’s gu’n deanadh e an obair ioma-taobhach sin, ar tearnadh o’n pheacadh, agus anns an dara aite, tha e soilleir nach gabhadh a chomhdachadh leis an fheoil ach a mhain anns an doigh mhiorbhuilteach agus do-thuigsinneach ud a tha ’ga innseadh dhuinn leis na soisgeulaichean, teachdairean na sithe. Bha eagal air Muire mar a bha air Sacharias. Bha fios aice gu’m fulaingeadh i amharus air sailthaobh na thigeadh oirre agus iomaguin agus trioblaidhean. Gidheadh, cha do chuir i bacadh anns a’ chùis. Ghabh i ris na chaidh ’chuir air a beulthaobh gu h-umhail toilichte. Dh’ fhalbh i a’ thoirt a bean-cinnidh oirre, sheinn i an laoidh ainmeil ud, agus riamh uaidh sin bhitheadh i a’ bheachdachadh air na chaidh ’innseadh dhi, agus ged nach do threig a creidimh i, bhitheadh i gu tric fo eagal, fo dhearmail, fo iomluasgadh, an iomacheist agus an iomachomhairle, an claidheamh an comhnuidh a’ dol troimh a h-anam gus an tainig an Di-domhnaich naomh a chunnaic i an uaigh fosgailte, agus da rireadh bu bheannaichte am measg bhan i anns an uair sin. Cha deanar leas caraid gun dragh. Is sean fhacal làn seadh e sin. Ma’s mor an dith, cha lugha an dragh. Tha sinne cho luachmhor ann an sealladh Dhe agus gu’m b’ fhiach agus gu’m b’ fhiu leis dragh mor a’ ghabhail air ar son-ne. Chunnaic Dia ar dith fada roimh dhuinn ’fhaicinn. Dh’fhairich e a chradh féin o’n bhith-bhuantachd agus o chian nan cian; agus tha e fathasd a’ fulaing. Bha an t-uan air a mharbhadh o thoisich an domhain. Rinn Dia iobairt cho mor, bronach agus nach tuigear leinn a’ mhileamh chuid dheth. Nach luachmhor leis sinne! agus ma’s luachmhor, cha chòir dhuinn tair no dimeas a’ thoirt air a chéile. Is mor a ni duine air a shon féin anns an t-saoghal so; bu chòir da moran a’ bharrachd a’ dheanamh fa chomhair an t-saoghail eile, agus cha ’n ann air a shon fein a mhàin ach air son a luchd-dùthcha agus airson De. Cuir a dh’ iarraidh MHAC-TALLA. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. [TD 288] [Vol. 8. No. 36. p. 8] Oran. FHIR-DHEASACHAIDH MHIC-TALLA,— Chunnaic mi faighneachd mu na rainn a leanas uaireiginn bho Chomunn Gailig Inbhirnis agus bha na seachd earainnean air thoiseach air na clo-bhualadh aig an am cheudna; ach cha robh fios aig an fhear-aithris co e am bard, no an linn anns an d’ rinneadh an t-oran. Be ’m bard Callum Domhnullach, a Uige, ’san Eilean Sgitheanach a chaidh a mach do Cheap Breatuinn mu na bhliadhna 1841. Fhuair mise na tri rainn dheireannach bho bhan charaid is minic a chuala ’m bard fein a seinn an orain. Dh’eug “Domhull Ruadh” Martuinn air a bheil iomradh anns a cheitheamh earrainn air Beinn na h-Aibhne Miadhanaich, agus mo bharail gun do dh’ eug Callum Domhnullach an Gleann nan Sgitheanach, Baddeck Mhor. Tha mi gle chinnteach gu bheil cuid anns a choimhearsnachd sin fathasd aig a bheil deagh chuimhne air Callum agus air “Bodach an t-Soluis!” Tharruing am bard dealbh cho firinneach air cleachdaidhean na “tim a thriall bh’ uainn,” ’s gu do smuainich mi gun tugadh tu aite dha ’sa MHAC-TALLA. Do dheagh fhear durachd, EARRAGHAEL. Waipu, N. Z., an Gearran 15mh 1900. Iain ’Ic Thearlaich far do lamh— Bha sinne ’n cairdeas daonnan, Tha thusa ’fas ’s tha mise ’g cnamh, ’S mo cheann cho ban ri faoileig; Ach ’s mor an toileachadh do phaisd ’Nuair ghelbh i blath ri taobh thu, ’S ’n uair thig an Geamhradh bios tu ’n sas Aig nighean bhan Mhic-Mhaoilein. ’Nuair thig an Geamhradh ’s tiom nam bainnsean Gheibh sinn dram de’n “Toiseach;” Bi Nollaig chridheil aig clann nighean, ’S aig na gillean oga; Bi mnathan fein a ruith ’s a leumnaich, ’S iad ri eibhneas comhla; ’S bi dram aig bodaich ann am fodar, ’S sogan orra ’g oran! Moch ’sa mhaduinn rinn sinn dusgadh ’S thog sinn siuil ri garbh-chrainn; Chunnacas buthra mor a’s dulachd Tigh’nn bho’n taobh o’n d’fhalbh sinn. Gu’n sheol i mach le borb na frois,’ ’S i toirt a steach gu gailbheach, ’S i falbh le stuchd air bharr gach suigh, Si togail smuide de’n fhairge! Bu mhath an uair sin a bhi shuas Air airidh luachrach Uige, Far ’m biodh na h-uain ’s na caoraich luatha ’Ruith mu’n cuairt gu siubhlach; Mi-fein ’s mo chruinneag air mo ghualainn, ’S sinn gu h-uallach luthor; Gach fear is gille ruith mu’m cuairt A’s Domh’ull Ruadh le chu ann. O sid an gleann a b’ ailte sealladh Ri moch maduinn reota, Na caoraich gheala dhubh a’s ghlasa Pairt dhiubh tarruing sproiceach; Gach lair le searrach m’ bun gach beallaich ’Mach ri srath nan lointibh, ’Sa dh’ aindeoin gaillionn fuachd no earraich Cha’n iarr mart ann crodhadh. Gheibhte sgialachd an ro bhriagh’ Aig bodaich liatha cheannaghlas, B’iad fhein na seoid nuair bha iad og A’ trusadh bho a garbhlach; Gu’m biodh iad tric ’san Eaglais-Bhric Ag iarradh mhart as mheanbh-chruidh; ’S cha rachadh brog a chur ma spog Gu ruig an ceo bho ’n d’ fhalbh iad! ’S lionar maighdean bhoidheach chuimir Tha ’g obair le cuibhle, Sniomh na rolaig, seinn na luinneig ’S tha gach tuireadh binn aic; S naithne ’s boidhche ruith tre meoiread, ’S cothrom comhnard sinte, A falt na dhuail ma chul a cluais’ Air thogail suas le cirean. ’S iomadh oidhche-fhliuch a’s fhuar A chaidh mi suas do’n Fhad-chreig, ’Dh’ amharc air a chaillaig bhuadhaich— Sid a’ ghruaidh ’n robh naire, ’S a dh’ aindeoin na rinn luchd an tuaileisg Bhuair mi thu bho d’ chairdean, Phos mi nis thu ’s thug mi uath thu, ’S bha sid cruaidh air Padruig. ’Nuair bha mis og a’s mi gun stoladh Bha mi gorach aotrom, Falbh an comhnuidh measg nan oighean, Cumail comhradh faoin riu; An te bheireadh seachad pog Gun gabhainn doigh ri taobhse, S an te nach nach toireadh seachad corr Gu faighinn dorn san aodann. Fhir a shiubhlas gu mo dhuthaich— ’S ann a Uige dh’ fhalbh mi— Thoir beannachd dubhailt gu ’m luchd duthcha Chosgas crun a dh’ airgead; Ma chaidh Seochdan anns an uir, Codhuinidh mi mo sheanachas, A’s bi mi’n duil gu faic mi thu Mu’n theid an t-suil an Earmchul. CALUM DOMHNULLACH, Bho Uige Innse-gall, roimh bliadhne ’40. Nighean Bhan Ghrulainn. Thug mi run ’s chuir mi uigh ’S an te uir a dh’ fhas tlath; Maighdeann chiuin dh’ an tig gun, Cha b’e ’n t-ioghnadh leam d’ aillt! ’S ann an Grulainn fo’n Sgurr Tha mo run gabhail taimh; Maighdean ur a tha ciuin, ’S i mo run-sa thar chaich. Gu’n do bhruadair mi ’n raoir, A bhi d’ chaoimhneas a ghraidh; ’S ’n uair a dhuisg mi am shuain, B’ fhada bhuam thu air sail. Tha do shlios mar chanach loin No mar eala oig air traigh; Gruaidh is deirge na’n ros, Beul a’s boi’che ni gair. Pearsa direach gun chearb, Aghaidh mheanbh dearg a’ ghraidh Mar ghath greine ’s an fhairg’ Tha do dhealbh am measg chaich. Dosan liobharra reidh ’Se gu h-eibhinn a’ fas; Tha e sios ort na chleit, ’S air gach te bheir tu barr. ’N uair a rachainn sa gu feill Bu leat fhein seud no dha; ’S bhiodh tu cinnteach a gun As na buithean a b’ fhearr. Ged bu leamsa le coir Na tha dh’ or anns a’ Spainnt, Liubhrainn bhuam e le deoin Air son poig bho ’n te bhain. Dh’ aindeoin tuaileas luchd-bhreug, Tha gach ceill riut a’fas, Tha thu firinneach reidh, Bho’n le cheam thu air lar. BAS. —Ann an Dorchester, Mass., air an 9mh latha de’n Mhart, Peigi Nic Aonghais, a mhuinntir Grand Mira, 38 bliadhna dh’ aoii. R. I. P. Tha Union Blend Tea cordadh ris na h-uile; agus ’nuair a tha $400 ’ga thoirt seachad gach bliadhna dhaibhsan a bhios ’ga ceannach, nach beag an t-ioghnadh ged nach b’urrain na marsantan seorsa sam bith eile chreic. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 289] [Vol. 8. No. 37. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 20, 1900. No. 37. NA SPUINNEADAIREAN. Ann an deireadh an t-samhraidh anns a bhliadhna 1700 air do bhuidhinn, àireamh dithis mhaighdean agus dithis fhleasgach, a bhi ’tilleadh gu ’n dachaidh ann am Banff á pairt do’n Ghàidhealtachd far an robh iad air chuairt, thainig glomanaich an fheasgair orra ann an Glac-na-Bein-mhor, aon do na h-aiteachan cho uaigneach agus cho fiadhaich ’s a tha ann an ceann a tuath na h-Alba. Bha maighdeannan na buidhinn so na ’n dithis òg, agus bha te dhiu, gu h-araidh, barraicht’ air briaghad. B’e ainm na te so Eilidh Mhartuinn, nighean duine bha’n sealbh air mor shaibhreas agus a’ fuireach aig criochan a bhaile roimh-ainmichte. Aig an àm anns a bheil sinn a toirt Eilidh am fianuis an leughadair bha i direach am mach as a naoidh bliadhn’ deug a dh’ aois. ’S ann ni b’ iosla na ’n cumantas dhe ’gnè a bha i, ach bha ’pearsa cnmadail gun uireasbhuidh dealbha. Bha h-aghaidh chruinn ruiteach a sealltainn dealbh na slàinte agus a nochdadh uaisle, faoilteachd agus baighealachd. Le firinn bha e do dheante sealltainn air cumadh us dreach Eilidh Mhartuinn gun e thighinn a d’ inntinn gu robh thu ’faicinn mu d’ choinneamh na b’ urram nàdur a bhuileachadh ann an comhlionadh àileachd. Ma bha am sònraichte air bith aig a robh a h-àileachd a toirt barr ’s ann an uair a bhiodh i a’ crathadh a cinn a cur a nunn nan camlubach bachlach, orbhuidh leis an robh e air a sgiamhachadh; a suilean gorm agus tlàth, tuigseach; a bilibh ròs-dearg, ’s i ’ghnáth na faireachadh airson gach facal a theirte ma chuairt dhi a thuigsinn. Aig an am sin agus na leithid sin de shuidheachadh, bha i, gun teagamh, ni bu choltaiche ri aon de na creutairean spioradail a ghafhas an inntinn tlachd ann a bhi dealfhadh na ri cruitheachd duine. An te bu bhan-chompanach do dh’ Eilidh air a chuairt so mu thimchioll na bhruidhinn sinn, agus mu ’m bheil sinn a dol a thoirt cùnntas ni ’s min, b’i fior bhan-chairid dhi fein. A h-aon do na daoine uaisle, bu dluth dhaimheach do dh’ Eilidh, an t-aon eile bu bhràthair e da ban chompach. Bha a bhuidheann a bha uile marcachd air eich bheaga Albannach, a nis air an glacadh le glomanaich na h-oidhche, a gabhail cùram as an snidheachadh, oir bha fhathasd romp air a chuid bu lugha coig-mile-diag de rathad fiadhaich, cnocach mu’n ruigeadh iad àit’ air bith ’sam faigheadh iad fasgadh. Bha làn fhios aca ’sa mhaduinn ’n uair a dh’ fhalbh iad air an astar a bh’ aca ri dhol, agus bha fios aca mar an ceudna gu robh e riatanach dhaibh cabhag a dheanamh gus an t-astar fhaighinn seachad ri solus an latha; ach lan slàinte us spioraid agus air an lionadh le àilleachd na dùthchadh a bha aig a h-uile tionndadh do’n t-slighe a foillseachadh sealladh as ur, bha iad cho maireullach air an turus ’s gun a chosd iad an uine agus gun ac’ ach gle bheag us leth an astair seachad. Anns an imcheist so, cha robh air ach dol air adhart mar a b’ fhearr a ghabhadh deanamh, ceartachadh bochd gu leoir air an dearmad, ach air chinnt, ni nach robh soirbh dhaibhsan a choimhlionadh, oir cha robh fhios aca gu rc-mhath mu ’n rathad a bh’ aca ri gabhail. Air an aobhar sin dh’ eibh fear do na daoine ri cach stad is gu’m beachd-smaointicheadh iad ciod a b’ fhearr dhaibh a dheanamh anns an t-suidheachadh, agus fiach an tuigadh iad eatorra ciod a cheart bhad anns an robh iad, na de ’n t-slighe b’ fhearr dhaibh a ghabhail anns na bha rompa do’n astar. Gus a chuis a dheanamh ni bu mhiosa thòisich sileadh trom uisge agus bha nuallan tairneanaich an dràsd ’s a rithisd ri toirm, a toirt freagairt fo mhac-tall’ as gach beinn. Choinnich a bhuidheann a nis nan aon chròlagan a stigh fo fhasgadh sgor creige airson an dion o’n uisge agus gus an cinn a chuir ri cheile mar a dh’ ainmich mi. Mi-thoilichte ’s mar a bha ’n suidheachadh cha robh iad fhathast fo mhoran cùram. Ghearaineadh na maighdeannan, gun teagamh, air uaireabh am mi-shuaimhneas, ach bha sin gu grad air fhuadach le sunnd is cridhealas an companach a bha ’gabhail seorsa toileachaidh á bhi ann am beagan cunnairt, agus bha iad gun dearmad a’ fiachainn ris na faireachdainean ceudna ’ghluasad ann an inntinn am ban-chompanaich. Bha Eilidh, a dh’aindeoin ciùineachd a nàdair agus meurantachd a pearsa, buileach deigheil air gach ni anasach a thigeadh f’a comhair fhaicinn agus air dhi a bhi gu smaointeachail a’ gabhail beachd air na beanntainibh aibheiseach a bha ’g eiridh ma chuairt dhaibh, air gach taobh agus mar an ceudna air doimhneachd a ghlinne troimh ’n robh iad a’ dol, agus a bha iad a nis gus a bhi aig a chuid a b’ àrde dheth, shaoil i gu ’m fac i troimh ’n doillearachd coltas duine a direadh na glaice dh’ionnsuidh an àite ’n robh a bhuidheann. Thug i faire càirdean dh’ ionnsuidh an ni bha ag imeachd an taobh a bha iad is a bha ann am beagan ùine faisg gu leòir gus fhaicinn gur e duine mor, ard a bh’ ann. Bha e tighinn gu luath, leis a cheum luthmhor, aigeannach sin a tha sònraichte do na Gàidheil, agus ag imeachd gun stri thar grunnd a bha cho cas cho doirbh ’s nach faigheadh neach air bith nach robh cleachte ri leithid do dh’ àite thairis air ach mall agus saoithreachail. Ach cha robh an neach, a bha nis a dlùthchadh riutha, a reir coltais, a’ faireachdain a h-aon do na deuchainean so. Bha e leum o chnoc gu cnoc gu h-aotrom ualach agus ann an uine ghearr bha e mar uidh beagan shlatan do’n àite ’san robh iad nan seasamh. A muthachadh do ’n bhuidhinn rinn e direach orra, agus a togail a bhonaid le ard-mhodhalachd is aogas mar phrionnsa, dh’ iarr e gu ’n gabht’ a leisgeul arson foirneadh orra, agus dh’ fhoighneach e an robh iad am feum cuideachaidh a bha ’n comas neach a bha eòlach ’s an aite agus toileach air, a thuirt dhaibh. A neach a bha nis na sheasamh air bialaobh na buidhne, agus a thug an tairgse chaoimhneil so dhaibh bu duine òg uasal e, co-dhiu, ’se sin cliù choisneadh a bhriathran agus a mhodh dha. Bha e air a sgeadachadh ann a làn eidheadh Gàidhealach duine bhiodh ann an urram aig an àm ud; ach ni bu tur fhearr agus ni bu chùramaich air armachadh na bha eadhon aig an am sin cumanta measg a luchd dùchadh. A thuilleadh air a bhiodaig, an t-arm cumanta, bha ’na chrios paidhir dhagaichean, agus, air a leis an claidheamh mor a bha do mhiadachd uamhasaich. Bha cruth an duine so, a bha ma thuairme coig agus fichead bliadhna dh’ aois sonruichte maiseach. Bha iomhaidh ciùin agus taitneach ri faicinn, gidheadh a nochdadh misneach agus run-suidhichte, buadhan a bha gu mor air a nochdadh leis an earradh àluinn leis a robh e air eideadh agus a bha freagairt cho eireachdail dha phearsa dheas dhirich. A dh’ aon fhacal, bha phearsa gu h-iomlan comharraichte taitneach. “’S eagal leam,” ars’ an coigreach ris a bhuidhinn, “nach tug sibh ma near airdead nam beann us farsuinneachd nan sliabh an so ’n uair tha sibh a muigh cho anamoch.” “Tha, ’chuis eadhon mar sin,” arsa fear de na daoin’ uaisle; chuir sinn an ùine seachad ’m faoineis, ’s tha sinn a nis a buain toradh ar neo-shuaimealachd. Cha ’n eil fhios againn air aon chuid, gu ro mhath, c’àite bheil sinn, no ciod an taobh is coir dhuinn a ghabhail. S’e mo bharail gu’m feum sinn direach a chuid is fhearr a dheanamh do’n chùis far a bheil sinn airson na h-oidhche ged nach ’eil na creagan so ach ’nan tubhadh meadhonach.” “O, cha bhiodh m’ fhaireachduinn air ’ur sonse; a dhaoin’ uaisle, ach aotrom,” ars an coigreach, “ged a bhiodh agaibh ri cadal air an fhraoch a nochd; rinn mis’ e mile uair; ach is eagal leam nach freagradh a leithid sin de chairtealan ach dona air na maighdeannan maiseach so.” “Gidheadh, feumaidh iad a bhi riaraichte le cur suas leis airson na h-oidhche so co-dhiu,” arsa fear de na daoine; “oir cha’neil nar comas ni ’s fhearr a dheanamh dheth.” “Theagamh gu faodadh sinne ni b’ fhearr a dheanadh dhith,” ars’ an coigreach. “Feumaidh rud-eigin a bhi deant’ airson na naighdeannan so faighinn fo fhasgadh. Faic mi,” agus mheoraich e tiotadh, a sin thuirt e, “Na saoillinn nach ’eil sibh ro ghrinn ma dheighinn bhur cairtealan, agus nan rachadh sibh leams’ air astar cupal mhiltean no mar sin, tha mi’m beachd gu’m faodainn gealltainn dhuibh, an car is mise, fasgadh taighe, agus an aoidheachd a’s fhearr an comas ar bothain Albannaich a thoirt seachad.” Ghabh a’ bhuidheann gu toileach ri tairgse chairdeal a choigrich; gach aon ag radh gun biodh iad ro thoilichte arson seòrs’ air bith de chairtealan; ghluais iad uile air treorachadh am fear-iùil. Co-dhiu ’s ann le roghainn no le tuiteamas, an am falbh, ghlac am fear-iùil srian an eich aig Eilidh, agus bha e ghnàth ro-fhaiceallach air gach ceum bu shocraiche na cheil’ a thaghadh. Ni mutha leig e ’n t-srian as a laimh fad an t-siubhail. Bha a chùis gu nadurra mar sin ag aobharachadh gu bicheanta do dh’ Eilidh agus do ’n choigreach a bhi na’n ònarachd; chionn gu’m b ’iad bu cheann-iuil, bha iad mar bu trice aireamh shlatan air thoiseach air cach, ni nach robh air a leigeadh an domail leis a choigreach a bha ’cuimseachadh, agus a soirbh- [TD 290] [Vol. 8. No. 37. p. 2] eachadh air drughadh air inntinn a bhan chompach, le ghiulan beusach ’s le chonaltadh tiugseach. Cha’n abair sin nach robh na buadhan so gu mor air am meudachadh le àilleachd agus duinealas an sealbhadair; ni mutha their sinn nach faodadh gu robh a nighean rolaisteach agus mhuthachail so roìmh-aomaichte, air an aobhar ceudna gus fhaicinn anns gach facal a theireadh e, moran barrachd na chitheadh te bhiodh ni bu neo-aireala. Biodh sin mar a dh’ fhaodas e, tha e cinnteach gur ann air a cheart oidhche so, agus air an dearbh àm so, a tharmaich na faireachdainean ùr agus annasach so ann an cridhe Eilidh Mhàrtuinn, faireachdainean maoth tlachdmhor ceud ghaol; ciod a reusan dhuinn a radh gu ’m bu ghliocas so fhuadach as a h-inntinn? Esan dha ’n tug i an grad mheas so bu choigreach, bu tur choigreach e. Bha eadhon ainm an-fhiosrach oirre, bha inbhe ’n doille oirre, ni b’ fhaide no barail, ni ged a bha sin gle fhàbharrach, a bha, gun teagamh neo-chinnteach. Cha robh urad ’s nach robh an seol air an d’ aimis iad a dùnadh a mach gach slighe air am faodadh i solus fhaotainn air ni ma thimchioll. Ach c’uin, ann an cridhe og, a bha gaol air a riaghladh le reusan? air chinnt cha robh ann an càs Eilidh Mhàrtuinn. (Ri leantuinn.) DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XII. Cha robh Domhull fad’ air bòrd na luinge an uair a dh’ fhàs an sgiobair agus an sgiobadh glé mheasail air. Bha e modhail, iomchuidh, agus dheanadh e a h-uile car a dh’ iarrteadh air a dheanamh. Rachadh e suas do’n chrann a b’ àirde gun eagal gun sgàth. Thuig iad gu’n deanadh e sheòladair gu ’chùl. An uair a ràinig an long am baile-puirt, thuirt an sgiobair ri Domhull gu’n feumadh e dol air tir agus feuchainn ri faotainn air ais dhachaidh gun dàil sam bith. Thuirt Domhull ris gu’n rachadh e air tìr na’n iarrtadh air, ach nach tilleadh e dhachaidh air chor sam bith. Thuirt e gu ’n do chuir e ùigh ann an seòladh, agus nach cuireadh e làmh ann an obair sam bith eile gus am fairtlicheadh air obair fhaotainn air bòrd luinge. An uair a thuig an sgiobair gu’n do chuir Domhull roimhe nach tilleadh e dhachaidh air chor sam bith, smaoinich e gu’m bu chòir dha feuchainn ri àite fhaotainn dha; oir bha eagal air gu’m faodadh droch cuideachd tachairt ris, o nach robh e ach òg. Dh’ aithniche gu’n deanadh e deagh sheòladair ri ùine nam faigheadh e ceartas. Bhruidhinn e ri caochladh sgiobairean m’a dheidhinn, ach cha robh aon seach aon dhiubh deònach fastadh a chur air Domhull. Ged a bha iad a creidsinn gu’n robh e tapaidh, neo-sgathach, bha e tuilleadh is òg leotha. An uair a chunnaic an sgiobair nach robh coltas gu’m faigheadh e aite do Dhomhull, thuirt e ris gu’m feumadh e a chur air tìr; agus gu’n tugadh e dha airgiod a phàigheadh a thurus dhachaidh. An uair a chuala Dòmhull so thòisich e ri sileadh nan deur, agus thuirt e gu’m b’ fhearr leis fuireach far an robh e; agus nan tugadh iad dha greim de ’n bhiadh gu ’m biodh e toilichte gu leor. Bha truas gu leor aig an sgiobair ris ged nach robh e ’leigeadh air gu’n robh. Mu dheireadh dh’ aontaich e leigeadh leis fuireach air bòrd car beagan uine gus am faighteadh aite dha. Gun dàil sam bith sgriobh an sgiobair a dh’ ionnsuidh a mhàthar, agus dh’ innis e dhi gu’n robh Domhull air an luing; agus mar a fhuair e air bòrd gun fhios dha; agus gun robh e cur an aghaidh am muigh ’s am mach tilleadh dhachaidh. Dh’ innis e dhi mar an ceudna gu’n robh e suidhichte air a chur air tìr an uair a ràinig e am baile-puirt; ach o nach gealladh e tilleadh dhachaidh gu’n robh eagal air ’fhagail ann am baile-mòr far nach robh duine beò a dh’ aithnicheadh e no a ghabhadh cùram dheth. Thuirt e rithe nach ruigeadh i leas cùram a bhith oirre m’a dhéidhinn fhad ’s a bhiodh e comhladh risan air bòrd, agus o’n a bha e soilleir dha nach deanadh e car obrach gu brath ach seòladh, gu’m bu cho math leigeadh leis leantuinn air an aobair anns an do chuir e ùigh. Thuirt e rithe mar an ceudna gu’n tugadh e air Domhull fhein sgriobhadh uice an uine gun bhith fada. Gus an d’ fhuair a’ bhantrach an litir so o’n sgiobair cha robh fhios aice fhein no aig neach sam bith eile co dhiubh a bha Domhull beo no marbh. An latha dh’ ionndrainneadh e thòisicheadh ri ’mharbh-iarraidh. Cha d’ fhàgadh slochd no cnoc, no gleann, no coire, no cois cladaich, no monadh gun siubhal ’ga iarraidh. Ged a chuireadh fios do gach cearn dhe ’n dùthaich feuch am facas no’n cualas m’ a deidhinn, cha d’ fhuaras guth no iomradh air. Mu dheireadh thugadh duil thairis dheth buileach glan. Rud nach b’ ioghnadh, chaidh a’ bhantrach bhochd buileach glan gu tuiream ’s gu tuirse ’s gu trom-inntinn. Theireadh i gu tric gu ’m biodh i toilichte gu leòr na ’m biodh a’ chorp aice gus a chur fo’n talamh. Bha mìle smaointean ag eirigh suas na h-inntinn mu thimchioll a liuthad dòigh anns am faodadh am bas tighinn ’n a rathad. Ach o nach d’ fhuaradh a chorp bha i iomadh uair an dòchas gu’m faodadh e bhith beò an àiteiginn. Bha duine is duine ag ràdh gur dòcha gur ann air an luing a dh’fhalbh e; ach cha robh am beachd so a’ faotainn mòran creideis anns an àite. An uair a chualas mar a dh’ fhalbh e, bha iomadh aon a’ bruidhinn air. Bha cuid a’ cur coire air a mhathair ag radh, na’n do chum i fo smachd e mar bu choir dhi, nach robh e air falbh idir. Theireadh cuid eile gur e an droch coartas a bha e faighinn ann an taigh Aonghais ’ic Callum a thug air falbh e. Bha mhàthair toilichte gu leor an uair a chual’ i gu’n robh e beò, slàn. Bu cho math leatha e dhol gu obair sam bith eile ri e dhol gu muir; ach air a shon sin bha i taingeil nach e naigheachd a bhàis a fhuair i. Mar a tha’m facal ag ràdh, “Bidh dùil ri beul cuain, ach cha bhi dùil ri beul uaghach.” A h-uile uair a bheirteadh iomradh rithe mu Dhomhull anns an àm, theireadh i gu tric “Domhull dona, Domhull dona.” Mu dheireadh thòisich gach duine a bheireadh iomradh air ri bhith ’ga ràdh, “Domhull dona” ris mar a theireadh a mhàthair. Is ann mar so a fhuair e’n t-ainm, “Domhull dona mac na bantraich.” Ach bha ’n t-ainm so air duine roimhe. Bha Domhull cho sona ’s a bha ’n latha cho fad air bòrd na luinge. Ged nach robh e ach òg, lag gu leòr, dheanadh e feum fir bu shinne ’s bu treise na e. A h-uile latha mar a bha ’dol seachad, is ann bu mheasaile a bha’n sgiobair agus an sgiobadh gu léir a’ fàs air. Mu’n robh e moran uine air an luing rinn an sgiobadh suas eatorrra fhein gu’n ceannaicheadh iad deise mhath aodaich dha. Rinn iad so cho luath ’s a ràinig iad am baile-puirt anns an robh aca ris an luchd a chur am mach. Mu’n d’ fhuair iad an ath luchd air bòrd chuireadh fastadh air Domhull gu bhith ’na làimh air an luing. Thug so toileachadh mòr dha. Bha e air fas gu math eòlach air an sgiobair ’s air an sgiobadh, agus b’ fhearr leis a bhith comhladh riutha gun tuarasdal sam bith na bhith air luing eile, ged a gheibheadh e tuarasdal mor. Chuir e roimhe an latha dh’ fhastadh e gu’n tugadh e ìre mhath as a thuarasdal a chum gu’n rachadh aige air beagan dheth a chur thun a màthar. Gus a so cha do sgriobh e facal ’ga h-ionnsuidh; oir bha nàire gu leòr air a chionn gu’n do theich e. So a cheud litir a sgriobh e; oir ghléidh a mhàthair i gu curamach, agus gach litir a chuir e uice fhad ’s a bha i beò:— “A MHATHAIR GHAOIL:—Ged a theich mi gun fhios dhuibh tha mi’n dochas gu’n toir sibh mathanas dhomh. Ged nach robh an obair a bh’ agam a’ cordadh rium bha mi air cur suas leatha mur b’e gu ’n robh toil mo chridhe agam a dhol a sheoladh. Tha mi cur romham gu’n toir mi an aire mhath do mo thuarasdal, agus gu’n cuir mi beagan ugaibh cho luath ’s a choisneas mi e. Tha mi air fastadh a ghabhail aig sgiobair na luinge air an d’ fhalbh mi, agus feumaidh mi falbh comhladh ris gus am bi mi nam lan sheoladair. Tha e fhein agus an sgiobadh uile anabarrach caoimhneil rium. An uair a thainig sinn do ’n bhaile so cheannaich iad deise mhath aodaich dhomh. Ma bhios mi beo agus slan bheir mi dhuibh a h-uile cuideachadh a’s urrainn domh. Abraibh ri Mairi ’s ri Catriona gu ’m bheil mi ’g earbsadh riutha iad a bhith umhail dhuibh, agus a bhith gle mhath dhuibh. An uair a thilleas sinn bhar ar turuis a Ceann-a-deas America cniridh mi airgiod uca gus gun an te a cheannach. Bithibh gu math do’n fhear bheag, agus cuiribh do’n sgoil e an uair a thig an samhradh. Moran bheannachd do’r n-ionnsuidh gu leir. Tha mi’n dochas gu’m bi sibh uile beo, slan an uair a thilleas mi.” DOMHULL. Tha’n litir so na ’s poncaile ’s na ’s ordaile na chuireadh daoine ma choinneamh an fhir a sgriobh i; ach ged a sgrìobh e i le làimh fhein, gidheadh bha fear dhe na seoladairean ag innseadh dha mar a theireadh e. Agus is e sin a dh’ fhàg cho ordail i. A’ cheud latha Sabaid a bha iad anns a’ bhaile puirt, chaidh e fhein agus triuir no cheathrar eile dhe’n sgiobadh a dh’ fhaicinn a’ bhaile. Bha ioghnadh mor air an uair a chunnaic e an doigh anns an robh aireamh mhòr de mhuinntir a bhaile a’ cur seachad na Sabaid. Ar leis gu’n robh an àireamh bu mhò dhe na daoine a chunnaic e mar nach biodh iad a’ creidsinn gu ’n robh Dia idir ann. Bha’n latha briagha, blàth, agus bha na sràidean cho dùmhail le daoine dhe gach inbhe ’s cruth is coltas ’s gur gann a gheibheadh e fhein ’s a chompanaich àite air an coisicheadh iad. An uair a bha iad greis mhath a’ coiseachd troimh ’n bhaile, chaidh iad do aon dhe na pàirceannan anns am biodh mòran a dh’ ìslean ’s a dh’ uaislean a’ bhaile a sràidimeachd. Bha àireamh mhòr shluaigh anns a’ phàirc so, agus ar le Domhull gu ’n robh iad pailt na bu choltaiche ri daoine nach robh creidsinn ann an Dia na bha na daoine a thachair ris air na sràidean. Chuir na bha e faicinn ’s a’ cluinntinn a leithid a dh’ ioghnadh air ’s nach b’ urrainn e gun labhairt m’a dheidhinn ris an seoladairean. Thàinig fiamh gaire air an gnùis gu léir an uair a chual’ iad a’ labhairt e. Ach thuirt fear dhiubh, “Cha ’n fhac’ thu fhathast ach beagan dhe ’n t-saoghal. Dean foighidin gus an ruig thu Ceann-a-deas America. Sin far am faic thu rud ris am faodar bristeadh na Sabaid a ràdh. Cha’n ’eil math dhut a bhith ’smaointean gu’m bheil gach aon a chunnaic thu air sràidean a’ bhaile, agus anns a’ phàirc so, ’nan daoine aingidh gun eagal gun chùram mu dheidhinn an anama. Tha iomadh a h-aon dhe na daoine nach deachaidh am mach air na dorsan an diugh mòran na’s miosa na iad. Cha chum dorsan dùint an t-olc am mach idir. (Ri leantuinn.) Cha fhreagair an aon obair do na h-uile fear, còrdaidh so ris an darna fear, agus sud ris an fhear eile. A bharr air sin, tha gnothuichean a caochladh mar na h-amaibh; cha ’n ionnan seirbheis thaitneas ri feadhain air laithean-féille is air laithean eile. [TD 291] [Vol. 8. No. 37. p. 3] SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. III. Cha’n urrainnear cainnt a chur air an t-suidheachadh inntinn anns an robh Cacan, an t-ard-chomhairleach an uair a chual’ e an gniomh eucorach, ann-dana a rinn Nouredin. “Ah!” ars’ esan, agus e ’bualadh uchd, agus a’ spionadh ’fhuilt is ’fheusaig, “a mhic na truaighe, nach airidh air a bhith beo! an do thilg thu sios d’athair mu dheireadh o’n t-suidheachadh ard agus shona anns an robh e a dh’ionnsuidh an t-suidheachaidh mhi-fhortanaich a choisneas gun dail dha masladh agus bas? Cha sasaich aon chuid do bheath-sa no mo bheatha-sa corruich gheur an righ air son na tamailt a thugadh dha.” Dh’ fheuch a bhean ri comhfhurtachd a thoirt dha, agus thuirt i ris, “Na bi fo amhghair na ’s fhaide mu ’n chuis; reicidh mise na bheil agam de sheudan, agus bheir mi dhut deich mile bonn oir leis an ceannaich thu boirionnach eile do ’n righ a bhois na ’s briagha na Bean na Maise, agus a bhios na ’s freagarraiche air a shon na ise.” “A bhean mo ghaoil,” arsa Cacan, “am bheil thu ’smaointean gu ’n cuireadh call deich mile bonn oir mise fo amhghair cho mor so? Cha ’n e an call sin, no call a h-uile ni a th’ agam ris an t-saoghal a tha cur a leithid de dhragh orm, ach call m’ inbhe agus mo chliu, nithean a tha na ’s luachmhoire ’nam shealladh na uile ionmhas na talmhainn.” “Tha sin fior gu leor,” ars’ a bhean; “ach call a ghabhas leasachadh le airgiod, cha chall ro mhor e.” “Ciod a tha thu ciallachadh!” ars’ esan.” Nach ’eil fhois agad gur e Saoudhaidh mo dhearg namhaid? Cha luaithe thig na gnothaichean so gu ’chluasan na theid e far em bheil an righ a ghearain gu trom orm. Their e ris an righ, ‘Tha bhur morachd an comhnuidh a’ labhairt mu ’n durachd agus mu ’n dealas leis am bheil Cacan a’ deanamh seirbhis dhuibh; ach faicibh an doigh anns an do dhearbh e o chionn ghoirid gu ’m bheil e airidh air a’ mheas agus air a’ chaoimhneas a bha sibh gus a so a’ nochdadh dha. Fhuair e deich mile bonn oir gus boirionnach ro bhriagha a cheannach dhuibh; agus, gus a cheartas fhein a thoirt dha, rinn e a ghnothach cho math ’s a ghabhadh deanamh, oir cheannaich e an aon bhoirionnach a’s briagha air an do dhealraich grian riamh. Ach an aite a toirt dhuibhse mar bu choir dha, b’ fhearr leis a toirt mar thiodhlac dh’ a mhac fhein. ‘A mhic, ars’ esan, ’gabh am boirionnach briagha so o ’n a tha thu na ’s fhearr an airidh oirre na ’n righ.’ An sin leis an droch run a tha cho nadarra dha, their e, ‘Tha i nis aig a mhac dha fhein, agus tha e gach latha gu solasach ’na cuideachd, gun bhacadh o neach sam bith. Is e an tul-fhirinn a tha mi ag innseadh dhuibh; agus ma tha sibh a’ cur teagaimh ’nam bhriathan, faodaidh fios fhaotainn mu ’n chuis sibh fhein.’” “Nach ’eil thu faicinn gu soilleir,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “gu ’m faod an righ ma chluinneas e a leithid so de sgeul tuaileasach, maoir a chur g’ am ghlacadh, agus Bean na Maise a thoirt uam, a bharrachd air mile mi-fhortan eile a chur ’nam rathad.” “Mo thighearna,” ars’ a bhean, “tha fhios agam gu ’m bheil Saoudhaidh lan de ghamhlus agus de mhi-run, agus ma gheibh e am fios a’s lugha mu ’n chuis gu ’m feuch e ri feum a dheanamh dheth gus a dhroch innleachdan fhein a chur air aghart, agus thusa ’chur as do dhreuchd. Ach cia mar a tha e comasach gu ’m ghaifeadh neach sam bith fios air na nithean diomhair a tha tachairt anns an taigh so? Ged a thigeadh a’ chuis gu cluasan an righ, agus gu ’n cuireadh e ceist ort mu ’dheidhinn; nach fhaod thu a radh, gu ’n do thuig thu, an uair a rinn thu mion-rannsachadh mu ’n chuis, nach robh i cho freagarrach air son cuirt an righ ’s a bha thu an toiseach an duil; agus gu ’n d’ thug am marsanta a reic ruit i an car asad; agus ged a bha i anabarrach briagha, nach robh i cho ionnsaichte ’s bu mhath leat. Cha ’n ’eil teagamh nach creid an righ a h-uile facal a their thu, agus bidh dorran gu leor air Saoudhaidh an uair a chi e nach teid a dhroch innleachdan leis mar a bha duil aige. Gabh misneach ma ta; agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, curidh tu fios air maithean na cuirte, agus their thu riutha nach ’eil Bean na Maise a’ cordadh riut; agus bheir thu ordugh dhaibh boirionnach maiseach eile fhaotainn dut cho luath ’s a theid aca air,” Dh’ aidich Cacan gu ’n robh a’ chomhairle so a thug a bhean air gle reusanta, agus o ’n a bha ’fhearg a’ traoghadh gu math, chuir e roimhe gun gabhadh e i. Ach bha e lan shuidhichte gu ’n deanadh e trom dhioghaltas air Nouredin. Cha ’d thainig Nouredin ann an sealladh fad an lath’ ud; agus o nach robh de mhisnich aige na dh’ fhalaicheadh e fhein am measg a chompanach, air eagal gu ’n rachadh ’athair air a thoir do na taighean aca, chaidh e astar beag am mach as a’ bhaile agus dh’ fhalaich e e-fhein ann an garadh far nach aithnicheadh duine sam bith e. Cha robh e tilleadh dhachaidh gus an saoileadh e gu ’n robh ’athair air a dhol a laidhe; agus an uair sin dh’ fhosgladh na searbhantan an dorus dha, agus rachadh e steach gu bog, balbh. Rachadh e am mach ’s a’ mhadainn mu ’n eireadh’ athair. Lean e air an doigh so fad mhios, ged a bha cuisean a’ mi-chordadh ris gle mhor. Bha na searbhantan ag innseadh dha an comhnuidh gu’n robh ’athair ann an curruich ris cho mor ’s a bha e riamh, agus gu ’n robh e an comhnuidh a’ boideachadh gu ’n cuireadh e gu bas e cho luath ’s a gheibheadh e greim air. Ged a bha fhios aig a mhathair gu ’n robh Nouredin a’ cadal a staigh a h-uile oidhche, cha robh i an toiseach a’ faotainn de mhisnich na dheanadh eadar-ghuidhe ri ’athair air a shon. Mu dheireadh chuir i roimpe gu ’n gabhadh i a’ cheud chothrom a gheibheadh i air bruidhinn ri ’athair as a leith. Air latha araidh thurit i ris, “Mo thighearna, gus a so cha robh de mhisnich agam na theireadh facal ruit mu dheidhinn do mhic; ach a nis ceadaich dhomh fheoraich dhiot ciod a tha ’nad bheachd a dheanamh ris? Cha ’n urrainn mac olc a’s mo a dheanamh air athair na rinn Nouredin ortsa. Thug e uat an t-urram agus an toileachadh a bhiodh agad ann a bhith tairgseadh do ’n righ an aon bhoirionnach a’s maisiche a chunnaic suil riamh. Tha mi ’g a aideachadh so. Ach an deigh a h-uile rud, am bheil thu ’muigh ’s am mach suidhichte gu ’n cuir thu do mhac gu bas, agus, mar sin, an aite olc beag nach bi fad air chuimhne, an toir thu olc ort fhein a bhios mile uair na ’s mo? Am bheil eagal ort gu ’n dean sluagh aingidh, mi-runach do chliu a thoirt air falbh gu buileach, an uair a gheibh iad am mach an t-aobhar air son nach leig thu le do mhac tighinn a steach air do dhorus oidhche no latha? Cha bu mhath leat gu ’m biodh fiios aig daoine air an aobhar; agus nam faigheadh iad am mach e, thigeadh am mi-fhortan sin ort a tha thu nis cho toileach a sheachnadh.” “A bhaintighearna,” ars’ an t-ard-chomhairleach, “tha gliocas agus tuigse anns na briathran a labhair thu; ach air a shon sin cha ’n urrainn domhsa mathanas a thoirt do Nouredin gus an dean mi dioghaltas air mar is airidh e.” “Nithear dioghaltas gu leor air,” ars’ ise, “ma ni thusa mar a dh’ iarras mise ort. Feumaidh mi innseadh dhut gu ’m bheil do mhac a’ tighinn a steach an so an deigh dhutsa dhol a laidhe. Tha e cadal a staigh, agus tha e teicheadh am mach a h-uile madainn mu ’n eirich thu. Feith an nochd gus an tig e, agus leig ort gu ’m bheil thu ’dol ’g a mharbhadh. Theid mise anns an eadraiginn, agus an uair a chi e gur ann air mo chomhairle-sa a leigeas tu leis a bheatha, faodaidh tu toirt air Bean na Maise a ghabhail mar mhnaoi air chumhnanta sam bith a thoilicheas tu. Tha gradh aige dhi, agus tha mi ’creidsinn gu ’m bheil gradh aicese dhasan.” Bha Cacan toileach gu leor deanamh mar a dh’ iarr a bhean air. Agus an uair a thainig Nouredin a steach aig an uair ghnathaichte, bha ’athair air chul an doruis. Cha bu luaithe a chaidh e steach na rug ’athair air agus leag e air an urlar e. An uair a sheall Nouredin os a chionn, chunnaic e ’athair agus biodag ’na laimh deas gus a stobadh ann. Anns a’ mhionaid thainig a mhathair, agus an uair a rug i air laimh air ’athair, thuirt i, “Mo thighearna, ciod a tha thu ’dol a dheanamh?” “Leig as mo lamh, a chum gu ’n cuir mi mo mhac truaillidh, suarach gu bas,” ars’ ’athair. “Cuiridh tu mise gu bas an toiseuch,” ars’ a mhathair; cha leig mi leat air chor sam bith do lamhan a shalachadh ann a d’ fhuil fhein.” An uair a chunnaic Nouredin mar a bha, ghlaodh e gu goirt, agus na deoir a’ sruthadh o ’shuilean, “Athair, tha mi ’guidhe gu ’n nochd thu iochd agus trocair dhomh, agus cha ’n fhaod thu mathanas a dhiultadh dhomh o ’n a tha mi ’g a iarraidh ann an ainm an Ti ann an lathair am feum sinn seasamh air an latha dheireannach.” Leig Cacan leis a mhnaoi a’ bhiodag a thoirt as a laimh; agus cha bu luaithe chunnaic Nouredin so na thilg e e-fhein aig casan ’athar, agus thug e pog dhaibh mar chomharradh gu ’n robh fior aithreachas air air son an uile a rinn e ’na aghaidh. “A Nouredin,” ars’ ’athair, “thoir taing do d’ mhathair, o ’n is ann gu buileach air a sgath a tha mise ’toirt mathanais dhut. Tha mi dol a thoirt Bean na Maise dhut air chumhnanta gu ’n toir thu dhomh do mhionnan gu ’n gabh thu i mar do bhean laghail phosda; agus nach reic thu i. Tha i glic, tuigseach, geurchuiseach, agus tha i moran na ’s fhearr giulan na [?] fhein. Tha dearbh chinnt agam gu ’n teid aice air stamhnadh a chur ort, agus air do chumail o thu fhein a chur gu buileach a dhith.” An uair a chuala Nouredin so, agus gun duil sam bith aige gu ’m biodh ’athair cho caoimhneil agus cho truacanta ris, thug e mile taing dha le uile dhurachd a chridhe; agus bhoidich e gu ’n deanadh e mar a bha ’athair ag iarraidh air. Bha ’n t-ard-chomhairleach, Bean na Maise, agus Nouredin gle thoilichte agus gle riaraichte leis mar a chuireadh crioch air a ghnothach. (Ri leantuinn.) OMAR KHAYYAM Am Bard Persianach. LE DOMHNULL MAC EACHARN. (Air a leantuinn.) Tha mar is trice, na baird Ghaidhealach a’ sealltuinn air aghaidh náduir, le sùil gheur, shoilleir, ’s a’ cur an céill ann an cainnt phoncail, dhealbhaich, an ni mar a tha e g’a thaisbeanadh fein do’n t-suil, ach is ainneamh leòtha Nàdur a cheasnach- (Air a leantuinn air taobh 294.) [TD 292] [Vol. 8. No. 37. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, APRIL 20, 1900. Litir a Ontario. FHIR-DEASACHAIDH:—Tha’n t-earrach air tighinn aon uair eile. Tha’n sneachda falbh na shruth sios leis gach cnoc is gleann. Tha na h-uisgeachan le beuchdaich bhuirb a dol tonn thar thonn sios leis na h-aibhnichean mora. Tha gach fearann agus rathad mor nan clabar creadha. Tha gach ionad iosal air a chomhdach le uisge; na h-uile ni dhiubh so a teagaisg duinn nach eil an uine fad as gus an tig am cur an t-sil. Tha gach aon a tha ’g-àiteachadh na talmhainn a deanamh deasil air son a bhith an ordugh nuair a thig an t-àm. Tha cuid a teannadh ri bhi deanamh siùcair ach cha deachaidh bheag a dheanamh fhathast dhe’n stuth mhilis sin. Bha moran a gearan le tinneas re a mhios a chaidh seachad, ach tha iad uile air faotainn nis fearr ach fior bheagan de sheann daoine, agus cha’n eil mor ioghnadh ann ged nach deid iadsan tha dol fada thairis air an uine ’s fhaide a th’air a ghealltuinn do’n duine am feobhais. An duine og tha e nadurra dha bhi coimhead roimhe air son moran bhliadhnachan fathast, ach an seann duine a chunnaic moran bhliadhnachan thairis air a cheithir fichead cha’n eil dol as aige, oir sann le tuille neart a tha e air a ghleidheadh beo air an talamh gus an àm so. Tha cuid nar measg a tha togail orra agus a falbh do dhuthchannan fad as a smaointin gun dean iad a fortan nis luaithe. Tha e fior gu leor gun dean iad airgiod nis fhusa na ni iad e anns an aite so, ach tha moran a bharrach aca ri cur suas leis anns na h-aiteachan ura na bha aca an so. Tha margadh gle mhaith an so air an earrach so; tha pris mhor air mucan; tha iad suas ri seachd dolair an ceud, marbh. Tha caoraich fo choig gu deich dolair an ceann. Mart no bo mhaith, da fhichead dolair an te, agus gach ni eile air reir sin. Tha tuarasdal math aig sgalagan; tha gillean oga a faotainn suas ri fichead dollar sa mhios fad sia miosan aig tuathanaich. Chunnaic mi leabhar ur an latha roimhe air a chur a mach leis an Urramach A. MacGilleain Sinclair. ’Se Eachdraidh Cloinn Ghilleain a tha ann, agus saolaidh mi gum bu chor do na h-uile h-aon anns am bheil boinne de dh’ fhuil na Fine sinn an leabhar a cheannach. Tha againn gu leor diubh anns a choimhearsnachd so—’se cloinn Illeain agus cloinn Donuill da fhine is pailte tha ri fhaotainn ’san ait. Tha cloinn Mhic Ille-Mhaoil agus eloinn Artair gu maith bitheanta. Se Donull Mac Ille-Mhaoil a bha sealltuinn dhomh an leabhair a tha mi ag ainmeachadh. ’Se caraid dileas do’n Urramach Maighstir Sinclair a th’ann an Donull. Bha sinn duilich a chluinntinn gu’n robh am fear-deasachaidh tinn cho fada. Bha sinn a smaointean gu’n robh rud eigin cearr air nuair nach robh sinn a faotainn a Mhac-Talla fad tri seachdainean ach tha sinn a nis ga fhaotainn gach seachdain, agus tha sinn an dòchas nach fàs am fear-deasachaidh tinn tuilleadh, ach gu’m bi e gu slàn fallain air son a bhi cur an ordugh dhuinn a phaipeir mhaisich air am bheil e na cheannard, oir bu mhor am beud gu’n eireadh ni sam bith dha, oir cha’n eil aon eile ann an deich mile Gaidheal a ghabhadh a chuing air fein mar rinn esan nuair a thoisich e air cur a mach paipear ann an cànain a shinnsearachd, agus tha sinn an dochas gu seas gach Gaidheal suas, agus gum bi iad a deanamh an dleasanais ris mar is cubhaidh dhaibh. Tha iomadh dòigh anns a faod iad a bhi ’ga chudeachadh le bhi cur uige aigheachdan as gach cearn de’n duthaich. Le bhi deanamh sin bidh e ne’s fassa do’n fhear-dheasachaidh am paipear a chur air doigh. Agus an doigh a’s fhearr sam bith, a bhi toirt da an aon ni feumail eile, nach h-urrainn sinn feum a dheanamh as aogais anns a bheatha so, ’se sin pàigheadh. Chaochail seann bhean air maduinn an la an duigh faigs air an aite so, aois ceud bliandna; bha i na h-ighinn òig an am Blar Waterloo. Cha’n eil a bheag agam ri radh nis faide, agus feumaidh mi bhi sgur air an àm so. Slan leibh an tràs. Is mi ur caraid, IAIN MAC ’ILLEASBUIG, Priceville, April 7, 1900. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C B J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dec. 8, ’99.—1yr. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. [TD 293] [Vol. 8. No. 37. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha tuiltean mora ann an Stàidean meadhonach air an earraich so, agus bha àireamh dhochaidean air an sguabadh air falbh. Bha milteau dhe ’n rathad-iaruinn air an cur fodha, agus bha moran barra air a mhilleadh. Chaochail fear Gilleasbuig Mac-a-Phi ann an Gay’s River, N. S., o chionn ghoirid an deigh aois ceithir fichead us ochd bliadhna a ruigheachd. Bha e fad leth-cheud bliadhna na fhear-ceartais, dreuchd a fhuair e ’nuair a bha’n t-Onarach Ioseph Howe air ceann a riaghlaidh. Chaidh aon de phaipearan Bhail-a-cliabh a ghlacadh o chionn ghoirid air son a bhi clo-bhualadh nithean ceannairceach mu’n bhan-righ, a gabhail mar ainm oirre “Ban-righ na gorta.” Cha ’n eil ach earann gle bheag de mhuinntir na h-Eirinn a gabhail tlachd ann a bhi nochdadh gamhlais do’n bhan-righ; tha mhor-chuid dhiubh anabarrach càirdeil rithe. Tha Mafeking gun a bhi air fhuasgladh fhathart, agus gun choltas gu’m bi e air fhuasgladh a dh’ aithghearr. Thatar ag radh gu bheil an gearasdan agus an sluagh a nise fulang leis an acras, agus gu’m bi iad ann an droch shuidheachadh mur ruig an t-arm Breatunnach am baile an ùine ghoirid. Tha Mafeking suas ri da cheud gu leth mile a tuath air an áite ’s am bheil an t-arm aig Morair Roberts; ‘se sin ìs coireach e bhi cho fada gun fhuasgladh. Chaochail dithis sheann daoine ann an Lunnuinn, Ontario, o chionn ghoirid air doigh cho aithghear ’s gu’n do chuireadh dotairean a dh’fhaotainn a mach ciod a dh’aobharaich am bàs. Fhuaireadh a mach leotha sinn gu’n robh iad air am puinnseanachadh le uisge-beatha anns an robh stuth ris an canar aconite. Cha’n eil fhios càite ’n d’fhuair iad an t-uisge-beatha. Bha na daoine fuireach ann an Dachaidh nan Seann Daoine. Mu’n d’ fhuair na Stàidean greim air Puerto Rico, bha malairt nach bu bheag a dol air adhart eadar an t-eilean sin us Nobha Scotia, na h-eileanaich a ceannach moran eisg, agus a creic toraidhean an dùthcha fhéin. Tha na Stàidean air an earrach, an deigh cisean a chur air gach ni a theid a chur do’n eilean, agus mar sin tha e cunnartach gu’n cuirear stad air gach ceannachd a bha eadar e ’s an roinn so. Ach o’n tha nise saor-mhalairt eadar Canada us eilean Trinidad, dh’ fhaoidte gu’n deanar an call suas mar sin. Cha’n eil an cogadh anns na Philippines seachad fhathast. Tha na nàisinnich a cumail ris na Geancaich gu math, agus ged a chluinnear an dràsda ’sa rithist gu bheil iad air an cisneachadh, cha bhi ’n ùine fada gus an tig sgeul air bristeadh-a-mach eile. Tha ’n dùthaich teth, mi-fhallain, agus gle throm air saighdearan nan Staidean; tha moran dhiubh a dol as an rian, agus tha cuid a cur coire sin air an stuth làidir a tha na’s pailte na ’n t-uisge fuar ann am Manilla, o’n ghabh na Geancaich seilbh air. B’ fheudar do Sheanalair Ottis o chionn ghoirid cur a dh’iarraidh mile glas-lamh gus na saighdearan a bha dol as an rian a chumail o chron a dheanamh. Rainig an soitheach-smùide Monterey Cape Town le Eachraidh Strathcona air an deicheamh latha dhe’n mhios, ceithir latha fichead an deigh dhi Halifacs fhàgail. Bhàsaich ochd fichead s’a tri dhe na h-eich air an turus. Cha mhor nach eil e nise suidhichte gu’n tig Prionnsa Wales air chuairt do Chanada air an t-samhradh ’sa tighinn. Faodar a bhi cinnteach gu’n cuir an dùthaich so failt us furan air ’nuair a thig e, agus nach toirear ionnsuidh sam bith air a bheatha mar a rinneadh ann am Brussels air an t-seachdain s’a chaidh. Tha comhairle ’bhaile cur mu dheidhinn tuilleadh mhaor fhasdadh; tha eagal orra ma dh’ éireas aimhreit neo-chumanta nach bi an àireamh a th’ ann an drasda comasach air rian a chur an luchd na h-aimhreit. Cha ’n ’eil cùram nach teid aca air an aireamh a tha dhith orra fhaotainn, oir tha seachd duine deug air fhichead an deigh an ainmean a chur a stigh deònach air an dreuchd a ghabhail. Cha’n eil meinn ghuail an Nobha Scotia nach eileas ag obrachadh le neart air an earrach so, agus a reir gach coltais bidh iad gu math trang fad an t-samhraidh. Chaidh còrr us da mhuillion gu leth tunna chur a mach á meinnean na roinne an uiridh, agus tha dùil ri muillion tunna bharrachd air sin a chur a mach am bliadhna. Ann am meinnean Cheap Breatunn leotha fhéin, bidh eadar seachd us ochd mile duine ag obair am bliadhna. Chaidh dithis ghillean beaga le Mr. H. C. V. LeVatte ann a Louisburg a ghoirteachadh gu dona air an t-seachdain s’a chaidh le spraidheadh fùdair. Chuir iad am fudar ann an can agus chuir iad teine ris le paipear laiste. Bha iad air an leagadh leis an spraidheadh agus bha ’n aodainn ’s an lamhan air an losgadh gu dona, ach cha’n eil fhios ceart fhathast an d’ fhuair iad dochann a leanas riutha. Cha ’n eil na gillean ach òg, fear ochd bliadhna ’s am fear eile aona bliadhn’ deug a dh’ aois. Thachair droch sgiorradh air rathad-iaruinn Newfoundland air an t-seachdamh latha dhe’n mhios. Bha na carbaid air an tilgeadh far an rathaid leis an stoirm agus bha iad air an losgadh. Bha moran de’n luchd-turuis air an goirteachadh. Rainig an àireamh bu mhotha dhiubh Sidni Tuath an ath latha. ’Se so an darra sgiorradh dhe’n t-seorsa a thachair air an rathad-iaruinn so; feumaidh gu bheil e air a thogail air àite gle chorrach, neo gu bheil a ghaoth anabarrach làidir anns an eilean sin. O chionn deich bliadhna fichead air ais, chaidh suim airgeid a chur air riabh ann an aon de bhancaichean Halifax, agus laidh e an sin o bhliadhna gu bliadhna gun fhios co bu leis e. Ach o chionn ghoirid, fhuaireadh fios gu’m buineadh e do ’n Dotair D. R. Mac Fhionghain, a bha aon uair an cois reiseamaid anns a bhaile sin, mar dhotair airm. ’Se $600 a chuir e dh’an bhanca, agus dh’ fhàg e ’m baile beagan an deigh sin a dheanamh ’s chaidh an gnothuch as a chuimhne. Tha an t-suim sin a nise air fàs gu $2100. Tha an dotair a fuireach ann an Sasunn. Thainig fios an la roimhe gu robh Morair Roberts a faotainn coire do na seanalairean Buller agus Warren air son mar a bha iad a deanamh an obrach a thaobh a chogaidh. Cha’n eil teagamh nach bi iad sin air an gairm dhachaidh mur leig iad dhiubh an dreuchd dh’ an deoin fhein. Tha ’n seanalair Gatacre cheana air a ghairm dhachaidh. Tha e coltach nach robh na laoich so a deanamh an dleasanais cho math ’sa dh’ fhaodadh iad. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. SYDNEY CASH STORE. Sidni. - J. C. Mills, - Sidni. Tha sinn a’ fosgladh roinn de Bhathar Earraich a tha anabarrach math—gach seorsa air an cuirear feum ann an tigh. Tha ar Caileagu Sasunnach dhe gach seorsa a nise stigh, agus theid againn air an creic na’s saoire na gheibhear iad an aite sam bith eile, oir cheannaich sinn iad o chionn fada, mu’n do dh’ eirich a phris. Taghail againn. J. C. MILLS. Sidni, C. B. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. [TD 294] [Vol. 8. No. 37. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 291.) adh—ciamar a tha sud mar sud, no c’arson a tha so mar so. Feumaidh sinn aideachadh, gu bheil am bard, air uairean, a’ cur tuillidh dreach air an ni, na tha barantas aig’ o ’n t-sùil air a shon. ’Nuair a tha Alastair Mac Mhaighstir Alastair a’ comhdach bhruachan Allt-an-t-siùcair le lusan a bha èu-comasach a bhi làthair do’n t-sùil, ma bha iad idir ’s a’ choimhearsnachd, air a’ mhaduinn chùbhraidh chéit, air am bheil e seinn; ’s an uair a tha Donnachadh Bàn ag ainmeachadh “Fàileadh nan su-craobh is nan ròsan,” am measg nan nithean taitneach a bha ri’m faotainn air Beinn-Dòrain, tha amharus againn gur ann, a mhain, an sùil na h-inntinn a bha na nitha sin, ’s mach robh iad a lathair do’n t-sùil chorporra. Ach biodh sin mar a dh’ fhaodos e, ’s tha mi ciallachadh gur e mhàin aghaidh nàduir a tha iad a’ toirt dhuinn, agus nach eil iad ach fior ainneamh a’ dol na ’s doimhne. Tha Omar air an laimh eile, daonnan nothachail nach eil ’san t-sùil ach an sgàthan air ma bheil faileas a ni air a thilgeadh, ’s gur ann san inntinn a gheibhear brigh an ni, ma tha e idir r’a fhaotainn. Tha e ’sealltainn air aghaidh nàduir le sùil thlusail, bhaigheil, ’s a toirt fainear a’ chéitein. “Le lamh-gheal Mhaois a’ comhdach gheug le blath, Is anail chubhraidh Chriosd ’toirt beatha ’s fas.” Ach tha e ghnàth a’ stri ris a chùirtein a thogail bharr aghaidh nàduir, ’s tha e diombach a chionn gu’n do dhiùlt nàdur an dìomhaireachd fhoillseachadh dha. “A ghaoil, nam b’urrainn dhuinne ris-san stri, ’S tuigs’ fhaotainn air steidh-shuidhichte an ni Nach brisdeamaid na bhloighdean e; ’s a ris Ath-dhealbh na ’s dluithe do lan run ar cridh’.” Ach tha daonnan an roinn-bhrat dorcha sin eadar e fein agus am fiosrachadh a b’ aill leis fhaotainn. Tha e ’ghnàth, aghaidh ri aghaidh, ris an dorus ghlaiste sin do nach d’ fhuair e an iuchair. Tha mar so, na bàird againne a’ sealltainn air nàdur o ’n taobh a muigh. Tha iad a’ gabhaìl ri òrdugh na cruinne, mar a tha sin ’ga thaisbeanadh fein dhaibh, ’s mar a tha iad fein ’ga thuigsinn. Ach calg-dhireach an aghaidh sin a bha an spiorad ’san robh Omar a sealltainn air an t-saoghal. An àite gabhail ri suideachadh na cruinne mar a tha sin ’g a fhiosrachadh fein dhuinn, ’s ann a bha esan a cruaidh-ghleachd an aghaidh nan cuibhrichean leis an robh an suidheachadh sin ’g a chumail ceangailte; cuibhrichean, a reir a bheachd-san, nach robh idir cothromach, ’s an aghaidh an robh e ’ghnàth a’ cruaidh-ghearan—mar eiseimpleir, Ri m’ ghearan eisd-sa anns na neamhan shuas; Cuir saor o m’ chuibhrichean mi, ’s gabh dhiom truas; Ma’s ann do ’n phrabar a tha ’m fabhar tric, Seall air mo chas-sa, cha’n ’eil mi ro-ghlic. Thuirt mi gu’n do ghabh na bàird againne ri òrdugh na cruinne mar a bha iad fhein a tuigsinn sin. Ma dh’fhaoidte, gu’m biodh e na bu dluithe do ’n fhirinn, nan abrainn gu’n do ghabh iad ri teagasg na h-eaglais air a’ chùis, agus sin, gun a bhi air an gluasad a nunn no nall, le teagamh no spiorad neo-chinnt sam bith. Theagamh gur e so an t-aobhar nach eil iad a’ gabhail tuillidh gnothaich ri taobh spioradail na cùise. Co dhiu, tha sinn ag iondrainn anns a’ mhòr-chuid de bhàrdachd ar dùthcha, an t-sùil a tha sealltainn triomh nadur, a mheorachadh air a’ chumhachd a tha air a’ chùl. Chuir Omar, air an laimh eile cùl ri teagasg eaglais a dhùthcha fein, a chionn nach b’ urrainn dha ’mhòr-chuid de’n teagasg sin a chreidsinn. Chaidh inntinn dhomhain, gheur a bhuileachadh air gu nàdurra, ’s bha ’n inntinn sin air a geurachadh, ’s air a h-uidheamachdadh gu inbh àrd leis a’ ghnè oilean a fhuair i. Cha robh e comasrch d’a leithid sin de dh’ inntinn a bhi sàsaichte le faoin sgeul, no baoth-mhineachadh, air ni sam bith leis am bu mhath leatha eòlas cinnteach fhaotainn. Bha Omar, mar so, a reir earail an Abstoil, a’ stri ris na h-uile nithe ’dhearbhadh; ach cha robh e furasda dha dearbhadh a riarachadh inntinn fein fhaotainn air ni sam bith. Bha e gu sonraichte neo-thoilichte le cho beag soilleireachadh ’s a fhuair an duine air ciall a thuruis fein troimh ’n t-saoghal so; a chor truagh rè a thuruis, agus cho neo-dhaingnichte ’s a tha bunait a dhochais air son saoghal is fearr. Faodaidh sibh a bhi cinnteach nach robh e taitneach do’n chléir an leithide so de cheisdean cruaidh a bhi air an cur cho fosgailte le a leithid so de dhuine. Duine ’bha ’g òl fiona gu follaiseach; ni a bha air a thoirmeasg ’s a’ Choràn; agus a’ deanamh rannan anns an robh buaidhean an fhìona sin air an àrd-mholadh. A thuillidh air sin, duine ’bha ’cur teagamh anns an nèamh a bha iadsan a’ teagasg, a bha air ullachadh fa’n comhairsan a bha dileas do’n chreideamh air thalamh; nèamh anns am bheil òighean maiseach a’ frithealadh orrasan a tha troimh chreidimh air an deanamh iomlan. Cha b’e sin a’ ghnè neamh a shàsaicheadh Omar no a bha idir ’na bheachd; tha e fein ag ràdh— “Ri neamh ’s ri ifrionn sheall mi suas ’s a sios, Troimh chuairt na siorruidheachd ’s air m’ ais a ris; Thuirt Aosd’ nan laithean rium, ga’n robh e chein, Mo neamh is m’ ifrionn ann am anam fein.” Tha na cùisean a bhi mar so eadar Omar ’s a’ chléir, agus an staid neò-chinnt san robh e mu thiomchioll nithe spioradail, a’ mineachadh, ann am mor thomhas, am blas garg a tha air cuid d’a rannan. “Do mheas na cinnt, cha spion thu dearc no dias; An ceum do’n fhionlios sin cha d’ fhuair thu riamh.” Mar so, ’nuair chunnaic Omar nach b’ urrainn da na b’ fhearr a dheanamh dheth, shuidh e sios, ma ’s fhior e feìn, a dh’ òl fiona, ’s a sgriobhadh rannan—a’ dubhadh a mach an la dé chaidh seachad ’s a’ cumail inntinn saor bho iomagain mu’n la màireach nach d’ thainig fhathast— “Ah! lion an cupan, ciod am feum bhi ghnath, A’ caoidh ro h-aimsir a chaidh seach cho trath; An de chaidh seach, ’s am maireach co a chi, Ma tha’n diugh tatineach, meal e ’reir do chridh’.” Bu choma leis daoine a bha ghnàth fo ro churam mu thiomchioll nithe an là-màireach; dhaibhsan thug e ’chosmhalachd so. “Thuirt breac ri tunnag, ’teicheamaid gu luath, Mu’n traigh an linne gus an grinneal cruaidh’; Ars’ ise; ’nuair a bhios mi spionte ’s roist’, Ged thraigheadh an cuan tioram, ’de sin domhs’?” Fo chleòca’ mhi-churam leis an robh Omar ’g a chomhdach fein, bha cridhe suairce bàigheil, truacanta. Tha e ’ris agus a ris, ’g ar n-earalachadh an aghaidh a bhi neo-fhulangach a thaobh muinntir eile. “Do d’ charaid, seadh, ’s do d’ namhaid, coimhneas nochd; Cha dealbh an cridhe baigheil cealg no lochd; Ni mi-run namhaid dhuit a caraid graidh, ’S ni caoimhneas caraid dhuit a broilleach naimh.” ’S a rithist— Ach thar gach ni do bhrathair bochd na claoidh, ’S na buair gu h-aimhreiteach a chlos a chaoidh; Ma’s aill leat sonas siorruidh ’bhlasad trath, Pian t’ anam fein, ach caomhain pein do chach.” Tha fhaireachduinean fein a’ dol a mach thun gach creutair; thun luibhean na machrach—eadhoin an dus fo bhonnaibh a chas a’ faighinn cuid d’a aire, ’nuair a tha e ’g iarraidh air a charaid— “Gu h-aotrom saltair air an dus fo’ d’ bhuinn, ’S gu’m b’ aon-uair blath-shuil e na h-ailleig’ dhuinn. Na linntean do aireamh a chaidh seachad bho ’n a thainig an duin’ air thùs a dh’ àiteach na talmhainn. Na muillionan thar chunntas do shluagh a thainig ’s a dh’ fhalbh rè nan linntean sin, gach aon neach fa leth dhiùbh a’ cur seachad a latha goirid trioblaideach fein, an sin, a’ snàg air ais thun an duslaich as an d’ thainig Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 295] [Vol. 8. No. 37. p. 7] e. ’S e, gun teagamh, a leithid so de smuain a bhrosnaich an inntinn Omair an earail d’a charaid, “Gu h-aotrom saltair air an dus fo d’ bhuinn.” So agaibh a ris a’ cheart smuain air dhoigh eile “Chunnaic mi creadhadair a’ fuineadh creadh, ’Nuair rinn i labhairt ris gu soitheamh, seimh; ‘Gu reidh, a charaid; guidheam ort, gu reidh; Ceart mar tha thusa ’n diugh, bha mise ’n de.’” Cha ’n e mhàin an duslach a bha co-cheangailte r’ar daonnachd, a tha tighinn g’ ar n-ionnsaidh a rìs ann an cùrsa nàduìr; ach aig a’ cheart àm, fathunn mu dhèigh’n a’ sruthadh thugainn troimh na linntean a chaidh seachad. “Nach d’ thainig sgeul oirnn troimh na linntean cein, A cheart co-ionnan ris an ni so fein; Mu’n cheud chlod urach sin an tus an re, D’ an d’ rinneadh duine, ann an cruth a Dhe.” An duine sin a dhealbhadh ann an cruth a Dhé, ’s air an do bhuilicheadh anam mar shrad nèamhaidh, do-mhuchte; comasach air nithean àrda ’ghabhail a steach, ’s a’ rannsachadh; ach do nach do cheadaicheadh uile dhiomhaireachd na beatha so fhaotainn a mach. An duslach ’san do ghabh an spiorad so còmhnaidh re seal, a nis ’g a luasgadh le gaoith an fhàsaich, ’s air a shaltairt fo bhonnaibh chas, a’ dusgadh ann an Omar smuain mu chor an duine ’san t-saoghal, ’s a’ geurachadh inntinn gu bhi meorachadh air eachdraidh ’s air crannchur ar daonnachd bho’n “Cheud chlod urach sin an tus an re, gu Ard ghairm na druma ’s crioch a chruinne-che.” Sin agaibh, mata, an gleus air an robh Omar a seinn; gleus, ma dh’ fhaoidte, nach taitinn ri cluasan a tha cleachdta ri ceòl a’s binne. Tha gleus no dhà ann air am faodar ceòl a sheinn, ach cha’n ’eil aona ghleus ann a fhreagaras do na h-uile ceòl. Bho na h-eiseimpleirean a thug mi dhuibh, bheir sibh fein fainear an t-eadar-dhealachadh mòr a tha eadar bàrdachd an duine so agus bàrdachd nan daoin’ againne. Tha gun teagamh sam bith, eadar-dhealachadh mor eadar an dà dhùthaich—duthaich na h-airde ’n ear, agus dùthaich na h-airde ’n iar—agus tha fhios agaibh gu bheil buaidh àraidh aìg a’ choimhearsnachd ’sam bheil duin’ air a thogail, air an taobh thun an aom a chàil. A dheanamh so na’s soilleire dhuibh; ’nuair a tha Donnachadh Bàn a’ taomadh a mach a chridhe fein a’ moladh nam beann ’s nan gleann am measg an robh e air àrach, ’s d’ an d’ thug e a leithid de spèis; tha sinne mothachail air ar cridhe fein a bhi mosgladh an co-fhulangas ri faireachduinean a bhàird, direach, a chionn gu bheil a bhriathran a’ toirt fa chomhair ar n-inntinn, gach àit is cuspair taitneach, am measg an robh sinn-fein air ar n-àrach, ’s a dhrùigh cho domhain n-ar nàdur. “B’e sin an sealladh eibhinn, Bhi ’g imeachd air na sleibhtean, ’Nuair bhiodh a ghrian ag eirigh ’S a bhiodh na feidh a’ langanaich.” ’S e so guth na h-airde ’n iar. Cha’n ’eil guth na h-airde ’n ear, uile gu leir, cho binn. A reir coltais, cha do dhrùigh aghaidh a dhùthcha fein cho domhain an cridhe Omair; ach so agaibh facal d’a ghuth cho fad ’s a tha sin a’ beantainn ri aghaidh a dhùthcha. Tha e a’ cuireadh a charaid thun, “Na stiallaig lombair air nach crom an spreidh; Eadar am fasach is an t-aiteach reidh; Is far nach luaidhear ainm an righ no’n deoir’; O, sith do Mhamu air a chathair oir.” Cha ghluais so cridhe aon againne; ’s e “farsuinneachd an t-sleibh,” a b’ fhearr a thigeadh ruinne, no, “an stiallag lombair;” ach cha’n ’eil ùin’ air dol na’ s fhaide. Dh’ fheuch mi ri seòrsa beachd a thoirt duibh air Omar Khayyam, mar is aithne dhòmhs’ e. Chuir mi eiseimpleir no dhà d’a rannan fa’r comhair, sgeadaichte ann an deise Ghaidhealaich; ach faodaidh mi innseadh dhuibh, nach eil e idir soirbh na rannan aig Omar a thionndadh gu Gàidhlig. Tha iad air an cur r’a cheile cho teann, chruaidh, sgaiteach, ’s nach eil e furasd doigh labhairt fhaotainn ’sa chànainn againne freagarrach air an son. Cha d’fheuch mi, uime sin, ris an litir a leanachd, ach a mhàin brìgh an ni thoirt dhuibh cho dlùth ’s a b’ urrainn dhomh sin a dheanamh. Is airidh bàrdachd Omair, mar bhàrdachd, air a chliù is àirde, a reir mo bheachdsa, ach tha mi creidsinn nach taitinn i ris a h-uile h-aon; ach co d’an urrainn a h-uile h-aon a thoileachadh? DOMHNULL MACEACHARN. Dunéideann, 1900. Niall MacLeoid. Is e so gun teagamh bàrd is airde cliù ’nar measg, agus is geal a tha e ’ ga thoiltinn. Bu dùth ’s bu dual do Niall a bhi na bhàrd—oir is mac e do “Dhòmhnull nan Oran” air an do rinn sinn iomradh cheana. Rugadh Niall ann an Eilean a cheò, agus is stric a ghleus e a chlàrsach chum luaidh a dheanamh air maise “An Eilean.” Tha sibh eolach air a bhàrdachd oir chaidh a clo-bhualadh dà uair. Ann an “Clarsach an Doire,” air a gleusadh an dara h-uair tha tri-deug agus tri fichead òran agus dàn—aon deug dhiubh air an eadar-theangachadh gu Beurla—agus ceithear sgeulachdan aighearrach agus taitneach. Bha ’n dara clobhualaidh air a chur a mach aig a’ bhlaidhna-ùr seachd bliadhna roimhe an àm so; agus is iomadh Gaidheal, a bhos ’us thall, a leubh agus a sheinn thairis ’us thairis na tha air fhaotainn eadar dà chlàr an leabhair so. Anns an roimh-ràdh tha am bard ag ràdh. “Tha mi ann an dòchas gu ’m bi seann chainnt bhlàth, bhinn ar màthar air a seinn agus air a labhairt fhathast iomadh blaidhna agus linn ri teachd. B’ e mo ghuidhe agus mo dhùrachd gu’m biodh cainnt ar sinnsear agus cliu nan Gaidheal cho seasmhach buan ri beanntan ar dùthcha, agus gu’m biodh ar dùthaich anns na làthean a dh’ fhalbh ’na “Tir nam Beann, nan Gleann ’s nan gaisgeach.” Le uile dhùrachd ar cridhe tha sinn a’ cur ar n-ainm ri guidhe a’ Bhàird. Cha ruig mi leas an còrr a radh mu’n bhárd, ach leigeil leis fhein labhairt troimh a bhardachd. ’Se ar guidhe gu ma fada a chi sinn air chuairte a giùlan tonnag na bardachd. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. [TD 296] [Vol. 8. No. 37. p. 8] Bheunus nan Gaidheal. Tha mi ’n so air an tulaich, ’M bun a’ bhruthaich leam fhein, ’S mi ri smaointean mu m’ chairdean ’S mar tha mi ’nan deigh Dh’fhabh m’athair ’s mo mhathair ’S mo bhraithrean gu leir, ’S ged a chluinnear mo ghaire ’S ann triomh fhaileas nan deur. Dh’ fhag mi beannachd ’s mi filleadh Is bha mo thioma ro mhor, Bha mo shuilean a silleadh O m’ chridhe le deoir; ’S mi smaointinn mu ’n astar, Nach foghnadh seachduinn no coig, Cha bhatan a bhaca Ach fardach ghasda de long. Ghabh a Bheunus na Gaidheil, ’S b’ e sid an aireamh bha mor, Bha Ceithir-chiad is a dha dhiubh Air an caramh ’na com, ’S na ’m biodh soirbheas ’n am fabhar G’an toirt sabhailte nunn, Righ uan Dul bhi g’an tearnadh, Air saile nan tonn. Ach, bha ’ghaoth ’n an aghaidh, ’S dh’eirich doil’ air a chuain, ’S ’n uair a dhluthaich na frasan Mar bheanntan glasa bha tuar; Na siuil-chinn ’s iad g’an sracadh— Is lub an t-ard-chrann a nuas, A h-uile h-aon ’s e ri achuing’, ’S e ’n sgeul a bh’ac a bha cruaidh. Thainig sgeula do’n duthaich, Nach robh an cunntas dhiubh beo, Dh’fhag sid mi fo thursa, ’S mo chridhe bruite le bron; Gu’n bo chaill iad an cursa, ’S gun an duil ri bhi beo, Gu robh croinn-chaola g’an rusgadh Is fear na stiuireach fo leon. Tha mi ’m aonar ’s an eilean Air bheagan eireachdais ann, Cuim’ an innsinn mo dheireas Do neach eile air a cheann; ’S mor a b’fhearr leam ’bhi cronan Comhl’ ris an oigridh ’tha thall, Na ged gheibhinn do storas Na ’s fhiach Righ Deorsa ’san Fhraing. A ’m bruadar chunnaig mi ’m chadal, Thu ’bhi agam a ghaoil, ’N uair a dhuisg mi ’s a mhaduinn B’e sid a bharail ’bha faoin; ’Ach ged ’tha mi car tamuill Air leithir an fhraoich, ’S mor mo dhuil ri ’dhol thairis Do dh’fhearann nan craobh. Ach tha mi ’n dochas gu ’n d’ rainig Sibh sabhailte nunn, Tha sgeul ur ann nach b’abhuist Gu’n d’ chaill an t-aite so ’chliu; Le h-ardachadh mhaltan, ’S cha bhi farduinn gun diu, ’S dh’fhag sid Clanna nan Gaidheal A dhol a dh’ aiteachan ur. Chunnaic mis’ ann am chadal Bruadar fada ’s mi ’m shuain, Gu ’n d’ thainig sith orr’ o’n fhearann, ’S gu ’n d’rinn iad fathast deth cuan; Gu ’n robh ’n soirbheas ’n am fabhar, A mheud ’s a bh’ aca dheth tuath, Thainig sith orr’ o ’n ear, Is rinn iad fearann deth ’suas. Mar d’fhuair iad tir-mor fo ’n casan, Dh’fhalbh an airsneul ’s an sgios A h-uile h-aon aig an robh storas A cur a mhor-chuis a’n gniomh; Dh’ fhag ’ad mis’ ann am aonar, Air tulaich bhoidheach ’s an fhraoch, Ach ’s ann am bruadar a thoisich mi ’S dh’fhalbh mo chomhradh ’s a ghaoth. Tuireadh. LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN. Rugadh an Lighiche Ian Mac Lachainn ann an Rathuaidhe ’sa bhliadhna 1804, agus chaochail e ann an Tobar-Mhoire ’sa bhliadhna 1874. ’Se fior bhàrd a bh’ anns an Doctair Rathuaidhe agus a mheud ’sa dh’ fhàg e na dheigh de dhuanagan ’s do dh’ òrain tha iad air leth taitneach, àrd ann an smaoin agus binn blasda. S e mo bheachd nach ’eil bàrdachd eile a chaidh a sgriobhadh anns an linn so a tha cho measail aig na Gaidheil ri bàrdachd an Doctair Ruaidh. Chaidh a bhàrdachd a chlo-bhualadh dà uair. Am measg nan òran is trice air an seinn tha “Gur moch rinn mi dùsgadh,” “A’ chutheg” “’S toigh leam an nionag” agus “Seinn an duan so,” ach tha an tuireadh so a h-uile buille cho math ris an fhearr a’s fhearr dhiu ged nach ’eil e cho tric air a sheinn:— Tha mulad orm, tha mulad orm, Tha cudthrom air mo chliabh ’Am shineadh air an tulaich ghuirm, Air m’ uilinn anns an t-sliabh, A’ dearadh far a’ mhullaich so Air a’ ghleann ’s an d’ rugadh mi, ’Cuimhneachadh na bhuineadh dhomh, ’S gach duine dhiubh air triall. ’S iomadh ogfhear curanta A chunnaic mi ’s a’ ghleann, Gu luthar, laidir, fulangach, Gun uireasbhuidh, gun mheang: Bu chaoimhneil, cairdeil, duineil iad, Gu baigheil, pairteach, furanach, An sar dhuin’ uasal urramach ’N a churaidh air an ceann, ’N uair chruinnicheadh an comhlan ud An deigh tra-noin fo bheus, Gu-m b’ fhonnar, binn na h-oigheanan A’ teiseadh ceol nan teud; Cha-n ioghnadh mi ’bhi ’g osnaich, ’S mo chridhe ’bhi ’s a’ phlosgartaich, Air n-aile gur a coltach mi, Ri Oisein ’n deigh na Feinn. Tha mulad orm, tha mulad orm, Gur duine mi gun toirt, A’ cuimhneachadh air m’ uireas’aibh Cha-n urra dhomh ’bhi ’tosd, ’Am aonaran ’s an t-saoghal so, Gun phruip, gun taic’, gun daoin’ agam, ’S mi air an udail fhaontraighe, Mar fhaoilein feadh nam port. Tha dealt na h-oidhche ’drughadh Air na dh’ fhuirich orm de m’ chiabh; Tha ’n speur a’ nochdadh rionnagan Gu tiugh an ear ’s an iar; Ag eiridh far na tulaich ghuirm, A thearnadh leis na mullaichean! Tha mulad orm, tha mulad orm— Cha-n urra mi ’chur dhiom. Bidh sinn an comain aon sam bith d’ar leughadairean a chuireas ugainn na h-orain dhe’m bheil rann an t-aon a leantuinn. Tha e air iaaraidh oirnn an clo-bhualadh ma gheibh sinn iad. So earann dhe’n cheud oran, A bhean an tagihe, ’ghaoil an fhortan, Aiseag a nall dhuinn am botull; Olaidh sinn gu sunndach deoch dheth Chur na bochdainn as ar cuimhn’. Agus so seisd an orain eile:— Hu a ho tha mi fo lionn-dubh, Hoirinn o ’s mi trom gu direadh. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 297] [Vol. 8. No. 38. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, APRIL 27, 1900. No. 38. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XIII. Air an turus gu ruige Ceanna-deas America thachair gu ’n robh an soirbheas glé fhàbarrach, agus gu ’n robh an an t-sìde gu math. Thug so cothrom do Dhomhull air mòran dhe ’n obair a bh’ air a cur air leith dha ionnsachadh mòran na b’fhearr na rachadh aige air a deanamh na ’n do thachair do ’n t-sìde bhith stoirmeil le gaoith an ceann. Rachadh e do ’n chrann a b’àirde gun fhiamh gun eagal. Agus o’n a bha e aotrom, òg, is ann air a thigeadh a dhol gu ceann am muigh na slait-shiùil an am a bhith’ pasgadh nan seòl. Ciod sam bith cho cunnartach ’s a bhiodh an obair, ghabhadh e os làimh a deanamh, na ’n leigteadh leis. Ach o ’n a bha meas mòr aig an sgiobair ’s aig na sgiobadh air, b’ ainneamh leotha leigeadh leis làmh a chur ann an obair a bhiodh ro chunnartach no ro throm air a shon. An uair a ràinig an long am baile-puirt agus a thòisicheadh ri cur am mach an luchd, cha robh an obair cho trom air. Bha àireamh mhath de shluagh cumanta na dùthchadh air an tuarasdalachadh gus an obair a dheanamh comhladh ris an sgiobadh. Bha ioghnadh gu leòr aige dhe na daoine dubha agus dhe ’n chainnt a bha iad a’ labhairt ’nam measg fhein. Agus cha bu lugha na sin an t-ioghnadh a bh’ aige dhe na Spaintich, agus dhe ’n cainnt ’s dhe ’n dòighean. Bha ’n obair a’ dol air aghart air an t-Sàbaid dìreach mar gu ’m b’ e latha seachdain a bhiodh ann; ach cha robh so a’ cur uiread a dh’ ioghnadh air o ’n a bha e fhein air a chleachadh ri bhith ’g obair air latha na Sàbaid mar a bhiodh e air latha eile. Ach air a shon sin, bha e ’faicinn iomadh na a bha ’cur dragh air an inntinn aige. Bha fhios aige gu ’m b’ e obair na h-eiginn a bh’ aig na seòladairean ri dheanamh, agus o ’n a bha obair na h-eiginn air a h-òrdachadh, bha e tuigsinn nach robh peacadh innte. Air an turus air ais do ’n rioghachd so cha robh an soirbheas cho fàbharrach ’s a bha e an àm dhaibh a bhith ’dol a null. Bha ’n t-side iomadh latha cho feathail ’s nach robh an long a’ deanamh aghartais sam bith. Ach an déigh an fheath so thàinig stoirm mhòr orra, agus bha iad uair is uair fo eagal gu ’n rachadh iad a dhìth. Ach ged a b’ e Domhull fear a b’ oige ’s bu laige agus a b’ aineolaiche air seòladh a bh’ air bòrd, cha robh a h-aon aca a bheireadh barr air ann am misnich. Is dòcha nach robh e aig an àm a’ tuigsinn meud a’ chunnairt anns an robh iad. Ach bha ’n long làidir, agus bha ’n sgiobair agus an sgiobadh na ’n daoine treuna, tapaidh do ’m b’ aithne cia mar bu chòir dhaibh a dhol an ceann an gnothaich gu sgoinneil. Gu fortanach cha d’ éirich beud dhaibh, ged a bha iad uair is uair ann an cunnart mòr o na marannan uamhasach a bha tighinn gu bòrd an dràsta ’s a rithist. Thugadh iomadh ni air falbh bhar bùird, agus bhristeadh iomadh ball dhe ’n achduinn; ach o nach deachaidh duine a bh’ air bòrd a chiurramachadh, agus o nach d’ rinneadh dolaidh sam bith air an luing a chuireadh o fheum i, bha iad toilichte gu leòr. Gu fortanach thàinig sìde bhriagha an déigh na stoirme, agus mu ’n d’ ràinig iad am baile-puirt anns an robh aca ris an luchd a chur am mach, is gann gu ’n robh cuimhne aca air a’ chunnart ’s air a’ ghàbhadh anns an robh iad. Cho luath ’s a fhuair Domhull a thuarasdal chuir e an earrann bu mhò dheth a dh’ ionnsuidh a mhàthar agus a pheathraichean, mar a gheall e anns a’ cheud litir a chuir e dhachaidh. Mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, bha toileachadh mòr air a mhàthair an uair a fhuair i a’ cheud airgiod uaithe. Agus cha b’ i an litir a thainig uaithe dad bu lugha ’thug de thoileachadh dhi. Anns an litir thug e cunntas dhi mu thimchioll iomadh ni a chunnaic e air a thurus ga ruige America. Chuir e ioghnadh air gach neach a leugh an litir, gu ’n rachadh aige air a smaointeanan a chur an òrdugh cho math ’s a rinn e. Ach dh’ ionnsaich e mòran beurla o na seòladairean eile, agus air chomhairle an sgiobair, bhiodh e ’leughadh nan leabhraichean a bh’ air bòrd an uair nach biodh obair eile aige ri dheanamh. An ùine ghoirid thainig e gu bhith anabarrach déidheil air leughadh. Cha robh an long fada anns an rioghachd so an uair a fhuair an sgiobair luchd eile air bòrd, agus cho luath ’s a fhuair e gach ni a bha dhith air air son a thuruis a chur air bòrd, sheòl e rithist gu ruige Ceanna-deas America. Ach bha am baile-puirt anns an robh aige ris an luchd a chur am mach gu math na b’ fhaide air falbh na am baile-puirt anns an robh e air an turus roimhe sid. Air cho fabharrach ’s gu ’m biodh an soirbheas bheireadh iad seachd mìosan air an turas. Ged a bha ’n sgiobair ’na dhuine cho furasda cur suas leis ri duine sam bith dhe ’sheòrsa, dhealaich triuir no cheathrar dhe ’n sgiobadh ris mu ’n d’ fhalbh e air an turus so. Cha b ’ann a’ gearain air an sgiobair no air an luing a bha iad idir. Is ann a bha iad an aghaidh a dhol air turus cho fad’ air falbh. Ach ged a dhealaich iad so ris cha robh e fad a’ faotainn feadhainn ’n an àite. Ged a bha iad so ’n an deadh sheòladairean, cha robh iad cho cneasda ’s cho caoimhneil ris Domhull ’s a bha càch. Bhiodh iad a’ conus ris a h-uile uair a gheibheadh iad an cothrom, agus ged a bha so a’ cur dragh gu leòr air, bu shuarach e seach an dragh a bha iad a’ cur air leis na bha iad a deanamh de mhionnan agus a’ labhairt de dhroch cainnt. Ged a bha Domhull aotrom, gòrach gu leòr, mar bu tric a bha iomadh giullan òg dhe ’sheòrsa, bha ’n teagasg math a fhuair e o ’athair agus o mhàthair, agus an eiseimpleir mhaiseach a chuir iad roimhe, ’ga chumail o bhith gabhail tlachd anns an dòigh anns am bu ghnàth leis na seòladairean so a bith cur seachad na h-ùine an uair a bhiodh iad ’n an tàmh. Mar bu trice bhiodh e ’g an seachnadh. B’ fhearr leis suidhe leis fhein na suidhe ’n an cuideachd. Air latha na Sàbaid bu tric leis e bhith leughadh a’ Bhiobuill, agus an uair chitheadh na fir so am Biobull ’na làimh, theannadh iad ri magadh air, agus ri labhairt briathran toibheumach a chum dragh a chur air an inntinn aige. Bha ’n obair so ’a dol air aghart gun fhios do ’n sgiobair fad iomadh seachdain. Na ’n robh fhios aige air mar a bha cùisean, bha e air stad a chur orra anns a’ mhionaid; oir bu duine e a bha air a theagasg le pàrantan diadhaidh an uair a bha e òg. Agus ged dh’ fhàs e glé chaoin-shuarach mu thimchioll nithean spioradail an déigh dha dhol a sheòladh, cha do dhichuimhnich e riamh na nithean a theagaisg a mhàthair is ’athair dha. Mu dheireadh an uair a dh’ fhàs Domhull sgìth dhe ’n dragh a bha na seòladairean aingidh so a’ cur air, dh’ innis e do ’n sgiobair gach nì a bha iad a’ deanamh air. An uair a chual’ an sgiobair mar a bha cùisean, bha e glé dhiùmbach dhiubh, agus thuirt e riutha nach robh e air a h-aon aca fhastadh na ’n robh fhios aige ciod an seòrsa dhaoine a bh’ annta. Mhol e Domhull ’nan làthair, agus thuirt e riutha gu ’m bu chòir dhaihh nàire bhith orra air son an dol am mach a bh’ aca; agus chomharraich e mach dhaibh gu ’n robh Domhull a’ cur eisimpleir mhath fa ’n comhair an àite iadsan a bhith cur eisimpleir mhath fa chomhair Dhomhuill mar bu chòir dhaibh. Ged nach do chòrd comhairlean an sgiobair riutha, cha bu dana leotha freagairt mhìmhodhail a thoirt air. Ach cha bu luaithe a fhuair iad as ’éisdeachd ’s as a shealladh na thug iad ruith chàin[?]. Bhagair iad air Domhull ann am briathran garga, agus thuirt iad ris gu ’n dioghladh e latha no latha eiginn air an innsearachd a rinn e orra. Ach ged a thuirt iad so ris cha do chreid e gu ’n deanadh iad cron sam bith air. Bha latha ’s latha ’dol seachad, agus ged nach robh iad a’ cur a’ bheag de dhragh air, gidheadh bha e soilleir gu leòr do neach sam bith gu ’n robh fuachd is coimhicheas gu leòr nan cridhe dha. Bha so mar so, cha b’ ann uile gu léir a chionn gu ’n d’ ìnnis e do ’n sgiobair gu ’n robh iad ri magadh ’s ri mìmhodh ris a chionn e bhith ’leughadh a’ Bhiobuill, agus ag ùrnuigh an uair a gheibheadh e an cothrom, ach gu h-àraidh a chionn gu ’n robh meas mòr aig an sgiobair agus aig a’ chuid eile dhe ’n sgiobadh air. An deigh dhaibh a dhol timchioll Ceanna-deas America thàinig sìde anabarrach briagha; agus mar bu trice cha bhiodh a bheag de shoirbheas aca ann an teas an latha. Ach an uair a thigeadh dubhar an fheasgair bha feothachan gasda soirbheis ag eiridh o ’n airde tuath. O ’n a b’ ann a’ seòladh gu tuath a bha iad, dh’ fheumadh iad a bhith beiteadh fad na h-oidhche. O ’n a bha fhios aig an sgiobair gu ’n robh sgeirean còrail ann an iomadh àite anns a’ chuid ud dhe ’n Chuan Chiùin, bha e gu tric fo eagal gu ’n tachradh dhaibh bualadh air te dhe na sgeirean so an àm dhaibh a bhith beiteadh air an aghaidh feadh na h- [TD 298] [Vol. 8. No. 38. p. 2] oidhche. Neo-ar-thaing nach robh e eòlach gu leòr air a’ chairt-iùil, ach ged a bha, bha fhios aige gu ’n robh na sgeirean còrail so a’ sìor fhàs o bhliadhna gu bliadhna, agus air an aobhar sin, gu ’m faodadh te dhiubh a bhith far am bu lugha shaoileadh e. Is e bhuail anns a’ cheann aige gu ’n acraicheadh e anns a’ cheud àite freagarrach a thachradh ris, agus gu ’m fanadh e ann gus an atharraicheadh a’ ghaoth. Air an latha sin fhein chunnaic e eilean mòr astar math anns an aird an iar air, agus smaoinich e gu ’m feuchadh e ri dhol thun an eilein so, agus acrachadh faisge air gus an tigeadh an soirbheas na b’ fhabharraiche na bha. Bha fhios aige gu ’n robh an sgiobadh ann am feum beagan de dh’ fhois fhaotainn an deigh na bha aca de bheiteadh ri dheanamh fad iomadh latha roimhe sid. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. IV. An aite feitheamh gus am feoraicheadh an righ dheth an do cheannaich e boirionnach ro bhriagha dha, is ann a bha Cacan gu math tric ag iomradh air a’ ghnothach ris an righ, agus ag innseadh dha cho duilich ’s a bha an gnothach rì dheanamh, agus gu ’n robh eagal mor air nach rachadh aige air boirionnach fhaotainn a bhiodh freagarrach anns gach doigh dha. A dh’ aon fhacal, chaidh e ann an ceann a’ ghnothaich cho glic agus cho gleusda ’s gu ’n deachaidh an gnothach beag air bheag air dichuimhn air an righ. Ged a fhuair Saoudhaidh am mach beagan fiosrachaidh mu ’n chuis, bha eagal air facal a radh ris an righ m’ a dheidhinn, o ’n a bha fhios aige gu ’n robh meas mor aige air Cacan. Mu thimchioll bliadhna an deigh do na nithean ud tachairt bha Cacan latha araidh anns an taigh fharagaidh, agus thainig e air falbh as tuilleadh is cabhagach. Thachair gu ’n robh an latha gle fhuar, agus laidh am fuachd cho mor air ’s gu ’n d’ fhas e tinn le droch fhiabhrus. Bha ’thinneas a’ dol na bu mhò a h-uile latha. Mu dheireadh an uair a thuig e gu ’n robh am bas gu math dluth dha, thuirt e ri Nouredin, a bha ghnath aig taobh na leapadh, agus a’ frithealadh dha, “A mhic, cha ’n ’eil fhios co dhiubh a rinn no nach d’ rinn mi feum iomchuidh dhe ’n t-saoibhreas a bhuilich Dia orm, ach tha thu fhein a’ faicinn nach cum an t-ionmhas a th’ agam am bas uam. Is e an rud mu dheireadh a tha mi ag iarraidh ort, agus mi gus a bhith ’mach as an t-saoghal, gu ’n cum thu air chuimhne an gealladh a thug thu dhomh mu dheidhinn Bean na Maise. Ma ni thu so, gheibh mise am bas sona gu leor.” Beagan mhionaidean an deigh do Chacan na briathran so a labhairt, thilg e an anail, agus bha ’theaghlach fhein, maithean na cuirte, agus sluagh a’ bhaile ’g a chaoidh gu trom. Bha ’n righ ’ga chaoidh; oir bha e ’na sheirbhiseach glic, eudmhor, agus dileas dha. Cha robh tiodhlacadh riamh ann am Balsora cho mor ris an tiodhlacadh aige. Bha ard mhaithean, agus ard uaislean, agus ceannardan an airm a’ stri gus cothrom fhaighinn gus a’ chiste laidhe a ghuilan air an guaillean a dh’ ionnsuidh na h-uaghach. Agus bha am bochd ’s am beairteach gu tursach a’ leantuinn a’ ghuilain. Bha Nouredin anabarrach bronach, agus bha e uine mhor gun dol do chuideachd sam bith. Mu dheireadh thainig dluth charaid dha g’ a amharc. Dh’ fheuch a charaid ri comhfhurtachd a thoirt dha; agus an uair a chunnaic e gu ’n eisdeadh e ri comhairle ghlic, reusanta, thuirt e ris, o ’n a rinn e am bron a bha dleasdanach dha air son athar, gu’n robh lan àm aige e fhein a thaisbeanadh am measg an t-sluaigh, agus a chairdean a leigeadh a steach dh’ a thaigh mar a bha iomchuidh do dhuine a bha anns an inbhe anns an robh e. Ars’ esan, “Dheanamaid peacadh an aghaidh nadair, agus an aghaidh cleachdadh dhaoine, agus shaoileadh daoine gu ’n robh sinn air ar ciall a chall nan cuireamaid gu buileach ar cul riutha an uair a dheanamaid ar dleasdanas a thaobh ar parantan, agus a leigeamaid fhaicinn dhaibh nach b’ urrainn daibh le ceartas coire fhaotinn duinn, bhiodh e iomchuidh dhuinn toiseachadh ri ar beatha chaitheamh mar bu ghnath leinn. Sguir de shileadh nan deur ma ta, agus toisich ri cur seachad do bheatha mar a b’ abhaist dhut, agus mar so bheir thu toileachadh do na daoine aig an robh de dh’ urram a bhith ’g eisdeachd ri do chomhradh tlachdmhor.” O ’n a bha ’chomhairle so coltach ri bhith reusanta gu leor, lean Nouredin i gu toileach. Agus nan do lean e i mar bu choir dha, bha e air am mi-fhortan a thainig ’na rathad a sheachnadh. Nochd e mor chaoimhneas dh’ a charaid; agus an uair a bha e ’falbh dh’ iarr Nouredin air tighinn g’ a fhaicinn air an ath mhadainn, agus dithis no triuir dhe a luchd eolais a thoirt leis. Air an doigh so rinn e gun fhios dha fhein suas companas ri deichnear de daoine oga a bha mu ’n aon aois ris fhein, agus bha e ’cur seachad na- h-uine am a bhith toirt cuirm mhor dhaibh gach latha. Mar bu trice bheireadh e dhaibh cuid dhe ’mhaoin. Gus toileachadh a thoirt dh’ a chairdean, chuireadh Nouredin fios air Bean na Maise gus a bhith anns a’ chuideachd maille ris. Agus ged nach bu mhath leatha a bhith eas-umhail dha, bha i fad an aghaidh dha a bhith ’deanamh ana-caitheamh air a mhaoin gus toileachadh a thoirt dh’ a chaìrdean. Bu tric a labhair i ris mu ’n chuis, agus a thuirt i, “Cha ’n ’eil teagamh agam nach d’ fhag d’ athair fortan mor agad; ach ged a tha d’ fhortan mor, na gabh gu h-olc uamsa innseadh dhut nach mair e fada, ma leanas tu air an obair a th’ agad. Faodaidh sinn gun teagamh sam bith cuirm a thoirt uair is uair do ar cairdean, agus a bhith subhach maille riutha; ach is e bhith ’deanamh so a h-uile latha an aon doigh a’s cinntiche leis an cur sinn sinn-fhein gu bochdainn. Bhiodh e moran na b’ fhearr agus na b’ urramaiche dhut deanamh mar bu ghnath le d’ athair nach maireann a dheanamh, a chum gu ’m faigheadh tu ri uine a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh aird anns an robh e.” Dh’ eisdeadh Nouredin ri briathran dhe ’n t-seorsa so le foighidin; agus le fiamh gaire air a ghnuis, theireadh e rithe, “A bhean mo ghraidh, na abair an corr mu dheidhinn sin. Na abramaid facal mu rud sam bith ach mu sholas agus mu thoileachas inntinn. Fhad ’sa bha m’ athair beo bha mi an comhnuidh fo stamhnadh mor; agus a nis tha mi ’cur romham gu ’m meal mi an t-saorsa air an robh mi cho mor an geall mu ’n d’ thainig am bas air. Tha uine gu leor agam gu bhith ’smaointean air fas glic, agus teannadh ri caomhnadh mar a tha thusa ag iarraidh orm. Bu choir do dhuine og mar a tha mise blasad gu math air solasan na h-oige. Ged a bha Nouredin a ruith triomh ’chuid gu luath leis na bha e cosg ri ’chairdean, is e dh’ fhoghainn gu buileach dha cho aindeonach ’s a bha e cunntas a dheanamh ris an stiubhard a bha ’riaghladh a thaighe; oir a h-uile uair a bheireadh an stiubhard a steach na cunntasan, thilleadh Nouredin air falbh e gun uiread is sealltainn orra. Agus theireadh e, “Bi falbh, bi falbh, tha mi lan chinnteach gu ’m bheil thu onarach gu leor. Feuch gu ’n toir thu dhomhsa a h-uile rud a bhios mi ag iarraidh.” “Mo thighearna, is sibh fhein a’s maighstir,” ars’ esan, “cha ’n ’eil annamsa ach stiubhard; ach air a shon sin, bu choir dhuibh smaoineachadh air an t-sean-fhacal a tha ’g radh, ‘Feumaidh am fear a chosgas moran agus aig nach ’eil ach beagan, tighinn gu bochdainn air a’ cheann mu dheireadh.’ Cha ’n fhoghainn leibhse cosgais mhor a dheanamh ann am biadh ’s an deoch, ach feumaidh sibh a bhith cosg bhur codach le bhur dà laimh. Agus ged a bhiodh bhur maoin cho mor ris na beanntan, cha chumadh i suas sibh.” “Bi falbh as mo shealladh,” arsa Nouredin, “cha ’n ’eil mi ag iarraidh do chomhairlean. Thoir an aire gu ’n cum thu riumsa pailteas ri itheadh ’s ri ol, agus coma leat de ghnothaichean eile.” Aig a’ cheart am bha cairdean Nouredin a ghnath maille ris aig a’ bhord, agus bha iad a ghnath a’ buannachd gu math air an doigh shocair anns an robh e ’caitheamh a bheatha. Bhiodh iad ’ga shior mholadh agus a’ brosgal ris; agus os cionn gach ni bhiodh iad a’ moladh gach ni a bhuineadh dha. Agus leis a so bha iad ’g an cur fhein a staigh air gu mor. “Mo thighearna,” arsa fear dhiubh, “chaidh mi an latha roimhe seachad air an fhearann a th’ agaibh ’na leithid so de dh’ aite; agus cha ’n fhaca mi taigh riamh cho briagha ’s cho math ann an ordugh ris an taigh a th’ agaibh air. Agus mu dheidhinn a gharaidh a tha timchioll air, cha ’n ’eil na ’s briagha na e air an talamh.” “Tha mi toilichte gu ’m bheil e cordadh ruit,” arsa Nouredin. Thugaibh dhomh peann is inc is paipear; gun tuilleadh a bhith m’ a dheidhinn, is leat fhein iad. Tha mi ’g an toirt dhut a nasgaidh.” Cha bu luaithe a mholadh fear dhe chairdean a h-aon dhe na taighean a bh’ aige anns a’ bhaile, agus a bha ’cur moran mail dhiubh, na bheireadh Nouredin dha e saor as a’ ghrunnd. Bhiodh Bean na Maise ag innseadh dha gu ’n robh e ’deanamh dolaidh mhor dha fhein; ach an aite eisdeachd rithe agus a comhairle a ghabhail is ann a bha e leantuinn roimhe air sgapadh gach ni a bhuineadh dha gus an robh e mu dheireadh air bheul a bhith falamh. A dh’ aon fhacal, cha d’ rinn Nouredin car fad bliadhna ach a’ cumail feusd agus greadhnachais ris fhein ’s ri ’chairdean; a caitheamh agus a’ sgapadh gu struidheasach an fhortain mhoir a chuir ’athair agus na daoine o ’n d’ thainig e cruinn gu glic, curamach. Air latha araidh aig ceann na bliadhna an uair a bha Nouredin agus a chairdean ’nan suidhe gu subhach, sunndach mu bhord na cuirme, agus iad an deigh ordugh a choirt do ’n luchd frithealaidh a dhol am mach as an t-seomar a chum gu ’m biodh am barrachd saorsa aca fhein, chual’ iad bualadh aig dorus an t-seomair. Thairg fear dhe na cairdean eirigh a dh’ fhosgladh an doruis; ach dh’ eirich Nouredin o ’n bhord, agus bha e aig an dorus air thoiseach air a charaid. Co bh’ ann ach an stiubhard; agus o nach robh toil aig Nouredin gu ’n cluinneadh na cairdean a bha comhladh ris mu ’n cheann gnothaich a bh’ aig an stiubhard ris, choisich e ceum no dha air falbh o dhorus an t-seomair, agus dh’ fhag e an dorus leith fhosgailte. An uair a chunnaic an caraid a thairg an dorus fhosgladh gu ’m b’ e an stiubhard a bh’ ann, agus o ’n a bha toil aig an comhradh a bha eadar Nouredin gus an stiubhard a chluinntinn, chaidh e am falach fo na [TD 299] [Vol. 8. No. 38. p. 3] cuirtearan a bha ’n crochadh air cul an doruis; agus mar sin chual’ e an comhradh a bha eadar an stiubhard agus a mhaighstir. “Mo thighearna,” ars’ an stiubhard, “tha mi ag iarraidh mile mathanas air son dragh a chur oirbh an uair a tha sibh ann an airde bhur solais. Ach tha na bheil agam ri innseadh dhiubh cho cudthromach ’s gu ’m b’ fheudar dhomh tighinn g’ a innseadh dhiubh. Thainig mi far am bheil sibh gus na cunntasan mu dheireadh a dheanamh suas, agus a dh’ innseadh dhuibh gu ’n d’ thainig am mi-fhortan air an robh fhios agamsa roimhe so, agus mu thimchioll an do chuir mi ’nar faireachadh sibh iomadh uair, mu dheireadh do’r n-ionnsuidh. Theirig a h-uile bonn dhe ’n airgiod a thug sibh dhomh gus cosgais an taighe a phaigheadh. Agus theirig an t-suim a bha tighinn a steach air son an fhearainn agus nan taighean. Tha na daoine a bha paigheadh mail air son nan taighean agus an fhearainn a’ toirt dearbhaidh dhomh gu ’n d’ thug sibh na taighean agus am fearann seachad do bhur cairdean, agus mar sin nach ruig mi leas duil a bhith agam ris an tuilleadh mail fhaotainn uapa. So agaibh na leabhraichean cunntais; agus ma’s e bhur toil e, faodaidh sibh sealltainn thairis orra feuch am bheil iad ceart. Ma ’s math leibh mise a dh’ fhuireach ’n ’ur seirbhis, thugaibh dhomh airgiod leis an cum mi gnothaichean an taighe ann an ordugh, ar neo thugaibh cead dhomh falbh as bhur seirbhis.” Chuir na briathran so a leithid de dhragh inntinn air Nouredin ’s nach d’ thug e freagairt sam bith air an stiubhard. (Ri leantuinn.) NA SPUINNEADAIREAN. (Air a leantuinn.) Ann an ceann mu uair a thim ràinig a bhuidheann le ’m fear-iùil, tigh aonaranach ann an gleann beag no strath air an robh creagan àrd a crochadh thairis agus troimh ’n robh rathad caol cam a ruith, a dol air an darna làimh thairis air na cnoic a bha sineadh ris an àirde ’n iar, agus air a làimh eile sios thun an talamh iosal o’n robh na beanntan ag éiridh. Bha ’n tigh, ged a bha e sealltainn aosda, dhe’n t-seòrsa b’ fhearr de thaighean na Gàidhealtachd aig an àm ud. Bha e da urlar air àirde, air a thubhadh le sgliat ghlais, agus uinneagan beaga fad o chéile. Bha e sealltainn gu’m bu tigh duin’ a bha ann an àrd-inbhe. ’Nuair a bha ’bhuidheann a ruigheachd an taighe bha gach ni sàmhach a stigh agus timchioll. Cha robh solus ri fhaicinn no ni ri chluinntinn. Bha’n uair anmoch agus bha na co-thamhaich fad air cadal. ’Nuair a bha iad faisge air an tigh thuirt am fear treòrachaidh na cuideachd riu: “Bidh sibh cho math agus feitheamh, a chàirdean, car beagan mhionaidean ’feadh ’s a bhios mise cur Mhr. Siosal air a chois airson gabhail ribh. ’S e seann chairide dilleas dhomh a th’ ann agus bidh e ro-thoileach, air mo shonsa, a h-uile coimhneas ’na chomas nochdadh dhuibh.” Le so a radh, dh’fhàg e iad agus ann an uine bhig bha e air ais, gus an toirt thun an taighe far an deacha gabhail riutha le mor chaoimhneas le fear-an-taighe, leth-sheann duine uasal, ciùin ’na choltas. Air dol a’ stigh dha ’n bhuidhinn chaidh an treòireachadh do sheòmar mor far an robh searbhanta gu trang a’ fadadh teine mòine. Bha so gu grad suas na lasair, ’s bha ’n luchd turais ann am mionaid a mealtuinn blàths sàr theine. Ach cha robh caoimhneas fir-an-taighe aig crich le comhartachd an taobh am mach. Le aoidhealachd an fhior Ghàidheil, bha ’m bòrd air a lionadh le bhiadh do iomadh seòrsa; cruach de dh’ aran math coirce, le dhiol de dh’ uighean de chàise, im, bradan fuar, agus muilt-fheoil, agus ge be deireadh cha bu diù, botul cruinn dubh de shàr driùchd nam beann. Air an lionadh leis an aoidheachd a fhuair iad, riarraichte le gach a cheile, agus air an sparradh ionns’ an ard spiorad sin a thogas luathghair agus cairtealan comhartail anns an inntinn, gu h-araidh ’n uair a thig iad cho obann agus cho amail mar a thachair aig an àm mu bheil sinn a labhairt, dh’ fhàs a chuideachd cho cridheil ann an ùine ghoirid, ’s gur ann a chuir iad rompa, oir bha a’ mhaduinn cheana a tighinn faisg orra, nach rachadh iad idir do leabaidh, ach gur ann a chuireadh iad seachad am beagan uairean a bha dùil aca fuireach, far a robh iad. Anns a rùn so bha iad gu sònraichte air an daingneachadh le gluasad araidh a rinn am fear a threòirich thun an taighe iad, a bha a co-fhreagradh ri faireachdainean sùnntach na h-aimsir. B’e sin gun tug e thuige fiodhal a bha’n crochadh ris a bhalla, agus a cluich nam port bu bheothaile do cheòl a dhùthchadh. Bha chùis do-chuir na aghaidh, oir chluich e le leithid do sgil, gach pong cho soilleir, ealanta, toirt lan éifeachd dha gach fonn sunntach a bha e cur an cluasan a luchd éisdeachd. Bha ’chuideachd air an lionadh leis a’ cheòl. Leum na fir air an cois, chaidh am bòrd a thogail beo mar a bha e leis na bh’ air gu aon taobh, agus ann an tiotadh bha na maighdeannan mar an ceudna air an ùrlar, ann an tiotadh eile bha iad a cuidhleadh troimh chuairtean nan ruidhlean Gaidhleach. Ni mutha ’sguir an aighear so gus an tug grian na maidne rabhadh dhaibh le ’gathanne soluis a boisgeadh a stigh do’n t-seòmar. Le so, sguir an ceòl ’s a mhire gu grad; agus thoisich a bhuidheann air deanamh deas arson gluasad air an turas. Chuir fear-an-taighe impidh orra fuireach ri ’m bris-thraisg; ach do bhrìgh gu robh iad air son falbh gun dail agus fiionnachd na maidne a ghlacadh cha do ghabh iad a thairgse. Bha na h-eich a bha mar an ceudna air gabhail aca gu ro mhath, air an toirt ionns’ an dorais, agus ann am beagan mhionaidean bha iad gu leir air muin nan each agus a dol a dh’ fhalbh, ’n uàir a thainig ’m fear iùil a bh’ ac’ an oidhche roimh, agus a rithist, a glacadh sreinn an eich aig Eilidh, gus a reir coltais, an gniomh ceudna chur an ceill aig an àm so; chuir so beagan maille air an gluasad, iad uile cur an aghaidh gu’n cuireadh e air dòigh sam bith a ni bu lugh de thrioblaid air fein air an son-san. Cha’n fhiosrach sinn gu de ’n treidhireas leis na chuir Eilidh a guth an aghaidh e dh’ fhalbh, oir chuir i am facal ann—ach tha e cinnteach nach robh i cho durachdach ri cach. Bha cunnuil na buidhinn air a chuir gu h-ealamh a thaobh le ’m fear iùil ’nuair a thuirt e riutha nach amaiseadh iad am feasd air an t-slighe, air feadh nan cnoc ’s nan glac, agus a bharrachd air a sin gu robh aige, co-dhiu, ri ’dhol àireamh mhiltean air a cheart rathad air a robh aca ri dhol. Cha d’ fhàg na dearbhaidhean so, gu àiradh an t-aon mu dheireadh, cothrom an a chorr a ghrath, agus dh’ imich a bhuidhinn air an turus, a am fear-iùil ’us Eilidh mar a bha iad roimhe, air thoiseach. O’n a bha nis an lath’ aca, cha robh e gu mor dheifir ged a bhiodh iad beagan astair o cheile ’s bhiodh iad am bitheantas ni b’ fhaide air thoiseach na bu gnàth leo bhith an oidhche roimh, eadhon cho fada ’s gu’m biodh iad greis a dh’ùine, air uairibh, a sealladh chaich. Cha robh làmh aig Eilidh ann a sin, ged tha. Bha companach cho ro-eòlach ’s an t-slighe agus tha e cinnteach nach bu mhiste leis a conaltradh diomhair a bhi aige ris a mhaighdinn mhaisich a bha na chuideachd. Fhuair iad, eadar a h-uile rud a bh’ ann, de chothrom gun d’ aidich gach aon dhiu an gradh a bha iad air a ghabhail dha cheile. Aig àm dhiu so, air dha-san a bhi aginn se dhi a mhor mheas a bha e air a ghabhail oirre, thuirt i ris, “Tha sinn tur aineolach air a cheile agus cha’n eil a leithid sin de sheanachas freagarrach gun a bhi gle eòlach air a cheile, ma tha e eadhon an uair sin fein. Cha ’n eil ar n-eòlas-ne ach bho ’n dé, ach gun teagamh sheall thusa de chaoimhneas anns an uine bhig sin na ghabhadh sparradh ann; agus tha mis agus mo chàirdean gu firinneach na d’ chomain. Fhathasd, tha sinn aineolach.” “Aineolach!” ars esan, ’se labhairt cho eifeasach sa ghabhadh deanamh, “Cha’n eil sinn aineolach, cha’n eil mise co-dhiu, a cùnntas gu bheil mi aineolach ortsa. Bho’n chiad shealladh a chunn aic mi dhiot bha mi eòlach ort. ’S a cheart mhionaidh sin theothaich mo chridhe riut, agus dh’ aidich mi air a spot air a robh mi gun tug thu bàrr am maise air na chunnaic mi. Gu de’n corr a burrainn ùine de dh’ eòlas a dheanamh? ciod tuilleadh a tha ri thuigsinn?” Aig an àm sin chuir glaodh o fhear de dhaoin-uaisle na buidhinn grabadh air a labhart dhealasach agus thug e gu crich, car tamuill, an comhradh a bha eatorra. Gidheadh, cha robh an glaodh so ach a mhain gus a bhi cinnteach nach rachadh iad air chall air a cheile, agus fhuair am fear-iùil an ùine ghoirid cothrom air a chuis a thoirt os-nàird a rithisd. Cha’n eil mi ’m beachd gu bheil e riatanach min-chunntas a thoirt air an seanachas—taitneach ’s mar a bhios an còmhradh le luchd-suiridh iad fhein tha e fad o bhi cho taitneach sin leis an treas pearsa. Cha chan mi ach so ma tha, gu robh gaol Eilidh air a shocrachadh gu neo-atharraichte air a fear-treòirich òg eireachdail ma’n do dhealaich iad. Co-dhiu ’s ann gu rath na gu mi-rath a bhuilich i a’ gaol air mar so ni crioch mo naigheachd a shealltainn. An deigh a dhol thar iomadh cnoc us glac, thainig iad gu mullach cnoic far a robh sealladh fad as ac’ air Baile Bhanff, ’n uair sin chuir am fear-iùil grad stad air an each. “Eilidh,” ars’ esan “so far am feum sinn dealachadh. Cha ’n urrainn dhomh a dhol ni’s fhaide leat; ach thig e gle chruaidh orm mur a faic mi thu’n ùine ghoirid a rithisd.” “Cha’n e sin a’ s fhearr dhuit,” ars’ Eilidh, “ach o na thainig thu cho fada leinn feumaidh tu ar leantuin beagan ni’s fhaide. Feumaidh tu am baile ruigheachd, agus cothrom a thoirt dhuinn air pairt dhe’r taingealachd a shealltainn dhuit airson do mhor chaoimhneis ruinn. Bidh m’ athair ro-thoilichte d’ fhaicinn.” Thainig fiamh mhi-thoilichte air gnuis aluinn a choigrich. Chrith a bhilibh, chas a mhala gu grad mhi-ghean; ged a bha e soilleir gur ann le stri, mhùch e ge b’e air bith na faireachdainean a dh’ aobharaich an coltas goirteas inntinn so dha, agus fhreagair e an deigh tacan a bhi na thosd. “Cha teid, Eilidh, cha ghabh e deanamh. Cha’n fhaod mi—cha’n eil a chridh’ agam dol do Bhanff, ri solus latha.” “Cha ’n eil a chridh’ agad!” ars Eilidh, le ioghnadh. C’arson nach eil? Ciod no co roimh ’m bheil an t-eagal agad?” “Eagal?” fhreagair a chompanach, le seorsa de dh’ iomcheist, “Cha ’n eil eagal orm ro aghaidh aon neach air bith, arm ri arm; ach, nan rachainn do Bhanff dh’ fhaodte nach faighinn an ceartas sin. Tha feadhainn anns a bhaile tha aimhreit eadar iad féin ’s mi féin; agus bhiodh mo bheatha ’n cunnart leo. ’Se sin a bha mi ciallachadh ’n uair a thuirt mi nach fhaodainn a dhol a stigh do Bhanff. Gidheadh, cha’n e nach fhaodainn a dhol ann ni ’s mo,” ars esan, ’s e ga thogail fhéin gu làn-airde us a cur neart a ghuth le dullain leis an fhacal; “ach b’ amadanach e—bhiodh e buileach neo-ghlic. Cha ’n urra mi—cha ’n fhaod mi dhol ni ’s fhaide leath Eilidh.” (Ri leantuinn.) [TD 300] [Vol. 8. No. 38. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, APRIL 27, 1900. AFRICA MU DHEAS. Tha gach duine ’s pàisde ann am Breatunn agus ann an Canada min-eòlach a nis air ceann mu dheas Africa ’s air a’ chogadh a tha dol air aghaidh anns a’ chearna so de’n t-saoghal. Is e cogadh cruaidh, fuileachdach, duilich a tha ann, agus chaill iomadh ceannard us saighdear cumhachdachd, comasach a bheatha cheana anns an stri ’tha Breatunn a deanamh air son a h-ùghdaras féin a chumail suas, agus airson saorsa ’s fireantachd aisig air an ais do na miltean a tha tuineachadh ann an ceann mu dheas Africa ’sa tha bho cheann iomadh bliadhna fulang eucorach is mi-cheartais bho na Boeirich bhrùideil, fheineil, mhosach. Is e dùthaich anabarrach corrach a tha ann au ceann mu dheas Africa. Tha cnuic us sluichd, tha uamhan us glaic gle lionmhor, agus mar so tha comas gasda aig na Boeirich air cogadh a dheanamh bho chulthaobh nam meall us nan dùn a dheasaich nàdur fèin dhaibh. Tha fhios cinnteach aig càirdean MHIC-TALLA gu’n d’ fhuair am feachd Breatunnach buaidh mhath no dha nis, agus gu faca na Boeirich gu soilleir gu’m bi iad air an ciosnachadh gun teagamh agus gu’n teid uamhar us ana-ceartas Chrugair agus a chàirdean a thilgeadh gus an làr. ’Nuair a thòisich an cogadh, cha robh Breatunn idir deas, agus o nach robh ach beagan shaighdearan aice ann an Africa, fhuair na Boeirich an toil féin ann an tomhas mor, agus chuir iad sios feachd lionmhor, ladarna do Natal, agus do Ros Africa, da roinn a bhuineas do Bhreatunn gu direach, diongmhalta. Bha moran ann am Breatunn agus ann an Canada a’ creidsinn gu’m biodh e gle fhurasda buaidh fhaotainn thairis air na Boeirich ann an stri nan lann ’s nan gunnachan mora, ’s o’n bha’n dòchas so air feadh na rioghachd, bha monmhur làidir us coire ri ’n cluinntinn an aghaidh nan ceandardan aig nach robh sgil no comas air na Boeirich a chiosnachadh agus air ainm us onoir an fheachd Bhreatunnaich a dhion agus a chumail bho thàir us bho thàmailt. Chunnaic luchd-riaghlaidh Bhreatuinn fa dheireadh gur e cogadh oillteil a bha aca ri dheanamh an aghaidh nam Boeireach, agus le deifir us dealas iongantach chuir iad réiseamaid an deigh réiseamaid a dh’ ionnsuidh a’ chogaidh. Chuir iad am Morair Roberts, ceannard nan iomadh euchd us leòn us cliu, maille ri Citchener, an laoch meamnach a chiosnaich ar-a-mach amaideach an t-Soudain,—gu ceann mu dheas Africa, agus nochd iad cheana ann am blàr no dha gu bheil inntinn us treòir us seòltachd us innleachd fhoghainteach us ghasda aca. Ghleidh iad an comhairle doibh féin, am feadh a bha iad a deanamh deas airson fuasgladh a thabhairt do Chimberli, agus crioch a chur air feachd us cumhachd Chroinie. Shoirbhich leo gu math us gu ro-mhath. Fhuair iad ann an ùine ghearr sealbh air baile-mor Bloemfontein na Staide Shaoire a ruisg an claidheamh gun aobhar an aghaidh Bhreatunn. Tha uabhar us ùghdarras a’ chinn-shuidhe Stein an diugh air an làr, agus tha miltean ag altrum an dòchais nach tig an latha gu bràth an t-saoghail anns nach bi suaicheantas Bhreatuinn a crathadh anns an t-soirbheas anns gach ionad àrd us comhnard iosal anns an Staid Shaor Orange. Tha bho cheann ùine mhaith a nis Roberts us Citchener a rithist a gleidheadh an comhairle daibh fèin gu diongmhalta, ’s tha sinn uile feitheamh le foighidinn mhor airson an ath cheum ghaisgeil, chomasach, bhuadhmhoir a ghabhas an da cheannard ghlic us threun ud, a chum buaidhean eile fhastainn thairis air Crugair agus a Bhoeirich. Ged fhuair am feachd Breatunnach lamh an uachdar air na Boeirich ann an iomadh blàr, tha iad fathast a’ cur a’ chath gu dàna seòlta, ’s leis gach cuilbheart us feall-fholach air am bheil iad gle-eòlach, tha iad a nis agus a rithist a glacadh nan saighdearan dearga ’s a marbhadh ’s a deanamh priosanaich diu. Tha gach duine ann an Canada aig am bheil spèis air bith do Bhreatunn, fior thaingeil gu’n do chuir sinn saighdearan bho Chanada a chum còmhnadh neo cuideachadh a dheanamh le Breatunn ann an ceann mu dheas Africa. Is maith agus is ro-mhaith da-rireadh, a fhuaradh laoich òga Chanada aig iomadh àm cheana, ’s gu sòuraichte anns an spairn uamhasaich a chuir crioch air neart ’s air ùghdarras Chroinie. Ged tha mulad trom oirnn gu’n do chaill moran de laoic àluinn ar dùthcha am beatha anns an stri, tha sinn proiseil gu’n d’ rinn iad euchdan cho gaisgeil agus cho sònruichte ’s gu bheil mar so an gniomharan treuna ’s an cruadal sgairteil air an aithris thall ’sa bhos le tlachd us moladh mor. Tha e soilleir gu leòr nach tig crioch ann an ùine ghearr air a chogadh. Feumaidh am feachd Breatunnach iomadh deuchainn eile fhulang agus iomadh spàirn chruaidh, churanta eile ndeanamh, mu’m faighear greim air Crugair agus air a bhaile mhor Pretoria, mu’n teid gach tnù us naimhdeas a chur bun os cionn anns gach aite ’s am measg gach fine far an d’ rainig na Boeirich us an cuilbheartan agus òr us cealgaireachd Chrugair. Tha da cheud mile saighdear aig Breatunn anns a’ chogadh a nis, agus is còir doibh ainm mor a chosnadh gu sgiobalta doibh féin. CONA. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dec. 8, ’99.—1yr. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. [TD 301] [Vol. 8. No. 38. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha amhuinn St. Lawrence a tilgeadh na deighe, agus an ùine ghoirid bidh i fosgailte agus bidh cothrom aig na soithichean-smuide air ruith air ais ’s air adhart gu Montreal. Tha riaghladh na roinne a bruidhinn air drochaid a chur thairis air na Narrows Bheaga. Tha cuid an aghaidh a togail air eagal gu’n cuir i maill air ruith nan soithichean a mach ’sa stigh á Baighe Hogomah. Cosgaidh an drochaid, ma theid a togail, deich mile fichead dolair. Tha duine fuireach an siorrachd St. John, an New Brunswick, d’an ainm Seumas Ros, a tha ceud us deich bliadhna dh’aois. Tha e fhathast gu slàn, tapaidh, agus cha’n eil ach mu thri bliadhna o’n sguir e dhe bhi deanamh a chuid fhéin de’n spealladh an àm an fheòir ’s na buana. Bha an seann laoch so coig bliadhna fichead a dh’aois nuair a chuireadh blàr Waterloo, agus tha deagh chuimhn’ aig air an àm. Aig an taghadh mu dheireadh, bhòt e cho math ri fear sam bith, agus tha làn dhùil aige bhi beò agus comasach air sin a dheanamh aig an ath thaghadh cuideachd! Tha cuid de dhotairean ’s de luchd-sgil ag radh gu bheil feum ’san tombaca, agus cuid mhor ag radh nach eil, ach ’si bharail chumanta th’ aca uile gu bheil an tombaca tha daoine smocadh ann an cruth na cigarettes anabarrach cronail do neach sam bith a bhios ris, agus gu h-àraid do dhaoin’ òga. Tha e ’g obrachadh air an eanchainn air dhòigh ’s gu bheil neach a call a chomais smaoineachaidh us obrachaidh ann an tomhas mor. Tha moran cheannaichean agus luchd-gnothuich eile am bailtean mora nan Stàidean nach gabh ’s nach cum duin’ òg mar chléireach no mar sheirbhiseach ma tha e ris na cigarettes. Chaidh seana bhean a mhuinntir nan Narrows Mhora, bana-Chaimbeulach, aois thri fichead bliadhna, a ghoirteachadh gu dona maduinn Di-luain s’a chaidh ’si gabhail turus air a charbad-iaruinn gu Acarsaid Chloinn Fhionghain. Le dearmad lean an carbad roimhe gus an robh e astar math seachad air a challa sin, ach an uair sin chuireadh stad air gus ise leigeil dheth, leis a chabhaig a bh’ oirre gus an carbad fhàgail, leum i dheth mu’n do stad e, agus chaidh a goirteachadh. Bha a h-aobrann air a bhristeadh agus a guala ’sa ceann air am bruthadh gu dona leis an leagadh a fhuair i. Tha na daoine-dubha ann an Africa mu dheas anabarrach deònach air a dhol a chuideachadh an airm Bhreatunnaich an aghaidh nam Boereach, ach cha cheadaich Breatunn sin dhaibh, oir cha’n eil i air son daoine dubha chur don àraich an aghaidh dhaoine geala. A bharrachd air na Basutos agus na Zulus an Africa, tha moran de shaighdearan dubha aig Breatunn fhéin anns na h-Innsean, agus tha iad uile air bhoil gu faighinn do’n chogadh, ach cha chuirear ann iad air son an aobhair cheudna. Cha’n eil rioghachd eile air an t-saoghal a chumadh a cuid shaighdearan air ais o chogadh a chionn nach eil iad de’n aon dath craicinn ris na naimhdean. Gheibhear litir o “C. C.” air taobh eile dhe’n phaipear so. Tha ’n t-òran mu ’m bheil e ’sgriobhadh ri fhaotainn air an taobh mu dheireadh. Tha tri rainn ann a bharrachd air na bh’ aig “Earraghael,” agus cha’n ionann do chuid de na sreathan anns na rainn eile. O’n a fhuaireadh an t-òran mar so o mhac an ùghdair cha’n eil teagamh sam bith nach eil e ceart mar a rinneadh e. Maduinn na Sàbaid s’a chaidh, bha da iasgair air am faotainn marbh ann am bàta fhuaireadh air acair mu mhile mach air acairaid St. John, N. B. Tha e coltach gu’n do thuirt fear dhiubh a mach as a’ bhàta agus gu’n d’ fhuair a chompanach a thoirt air bòrd a rithist, ach gu robh iad le chéil air an claoidh cho mor ’s nach b’ urrainn dhaibh feuchainn ri tir a thoirt a mach, agus gu’n deach am meileachadh leis an fhuachd re na h-oidhche. Di-haoine s’a chaidh, chaochail Miss Minnie Ghrannd, nighean do’n Urr. Uilleam Grannd, ministeir Ghrand River, ann an sgoil nam Balbh, ann a Halifacs, far an robh i o chionn dha no tri bhliadhnaichean a teagasg. Chaidh a corp a thoirt dhachaidh gu Grand River gu bhi air amhlacadh. Tha Mr. Grannd agus a bhana-chompanach air am fiosrachadh gu tric leis a bhàs; ’si so an treas neach de’n teaghlach a thugadh air falbh o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Bha an t-side air an t-seachdain so gle fhuar, greannach, le sileadh mor sneachda oidhche Di-màirt ’s Di-ciaduin. Tha’n deigh mhor timchioll nan cladaichean, agus ’si is coireach ris an aimsir a bhi cho ao-coltach ris an t-samhradh. Cha’n eil anns an deigh mhoir, ’sa chearna so de’n dùthaich, ach olc nach urrainn daoine leasachadh, ’s cha’n eil aca mar sin ach a bhi an dòchas gu’n tog i oirre do’n chuan mhor an ùine gheàrr ’s gu’n leig i le blàths us fallaineachd an earraich tighinn. Tha Morair Roberts us Kitchener, mar a tha “Cona” ag radh an àit eile, a gleidheadh an comhairle dhaibh fein; cha’n eil naigheachd is fhsiach a tighinn uapa o chionn ùine mhath air ais. Cha’n fhaodar a smaoineachadh, air son sin, nach eil iad a deanamh dad. ’Se ’s dòcha gu’n cluinneas sgeul uapa an ùine ghoirid. Tha Morair Roberts le ceithir fichead mile saighdear deiseil gu falbh air an t-slighe gu Pretoria. Cha’ eil Robert, a reir coltais gle bhuidheach de Chitchener air son mar a bha e gluasad an airm; ’si a bharail gu’m b’ e bu choireach na h-uiread de shaighdearan Chanada a bhi air am marbhadh aig Paardeberg an uair a bha iad a cur a bhlàir mu dheireadh ri Cronje, L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seachad air riabh. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. SYDNEY CASH STORE. Cuim-Leintean, Iochdair, agus Deiseachan Do na Mnathan. Deiseil gu’n cosg, aig J. C. MILLS, Sidni. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Bhuail da charbad ’na chéile aig an Junction faisg air Sidni Tuath, ’sa mhaduinn Di-ciaduin, agus bha an da inneal air am bristeadh gu dona. Bha fear de na conductors, Mac Neill, air a dhroch ghoirteachadh. Air son luach airgeid cha toirear barr air Union Blend Tea. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B [TD 302] [Vol. 8. No. 38. p. 6] Ailein-Nan-Sop. Tha corr a’s tri chiad bliadhna bho’n a bha Ailein am bithibh an t-saoghail so. Bu mhac e do Lachann Catanach triath Dhubhart ’s ceann-feadhna Chloinn-Ghilleathain: ’s bu leth-bhràthair e do dh-Eachann Mòr, am mac a bh’ aig Lachann ri nighean Mhic-Cailein. Cha ruig mi leas a chur sìos an so, an seol mi-chneasda air an do chuir Lachann Catanach bhuaithe Nic-Cailein—chitear e ’s a’ chiad leabhar de’n Ghaidheal; cha mhò tha romham dearcnachdadh no liadachadh air ana-cleachdaidhnean nan aintighearnan a bh’ann ri ’linn: foghnaidh dhomh innse gu’n do ghabh e, an déigh dealachadh ri mhnaoi, le nighinn do dh-Fhear-Threisinnis, agus gu’r h-i so bu mhàthair do dh-Ailein-nan-sop. An eilein daingean air cùl Mhuile, is ann a fhuair Ailein-nan-sop ’àrach: is ann a bha Lachann Catanach ’s an àm ud a’ fuireach. Is e an ciad iomradh a th’ againn air Ailein, e bhi air son cionta air choir-eiginn, air a thilleadh thair creig; ach, ged a tha na creagan a tha ceithir-thiomchioll an eilein cho uamhasach cas, ’s gu’r gann a sheasas ian air iteig orra, stad esan air stac aig oir na fairge; ’s ris a’ chreig so theirear gus an là an diugh “Urraigh Ailein-nan-sop.” Mu’n àm ud, bha ’n Airde-niar ag cur thairis le creachadairean-cuain. Thuit do shoitheach dhiubh so tighinn an là ud an rathad; agus faicear an sgioba Ailein agus e leth-mharbh air an stac, ’s thugar air bòrd e. Cha robh a chridhe aige nise dol dachaidh; agus, ’s e bh’ ann gu’n do lean e ris an t-soitheach, gus mu dheireadh an d’ fhuair e dha fhein e. Bha e ’n a shàr mharaiche ’s a’ tighinn beo air a’ chreachadaireachd; air chor ’s gu ’n robh e ’n a chulaidh eagail a’s oillte ’s an àirde-niar. An ceann-tuath na h-Eireann bhàtar cho eolach air Ailein, air ’ainm ’s air a ghnìomh, ’s ge bu choimhearsnach bun an doruis e; ’s cha b’ ann aon uair a chrom e air feudail-chorra nan Gall am mach mu Ghlaschu. Is ann le bhi creach ’s a’ losgadh mar so a thugadh “Ailein-nan-sop” air. Cha robh fathamas aig Ailein ri caraide no ri nàmhaid. Ghabh e fàth air tighearna na Leithir ceanntighe “sliochd a’ chlaidhimh iarainn,” a charaide fhein, ’s chuir e gu bàs e, agus ghabh e fhein seilbh ’s an tigh agus ’s an fhearann. A chur a stigh air, thug Mac-Dhònuill dha eilein Ghìogha, agus fhuair e Cille-Charmaig bho Mhac-Cailein; ach bha Ailein air a shean each bàn’—cha do leig e dh’ e a’ chreach. Chuala e uair a bha ’n sid, gu ’n robh gamhlas no farmad-cùirte aig tighearna-Chola ris; agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ thug e eilein Chola air. Thachair tighearna-Chola air ’s e sraidimeachd aig taobh a’ chladaich; agus gun ghuth mor, gun droch fhacal, glacar e ’s thugar air bòrd e, agus cheangail e ris an tobhta e, ’s togar na siùil do ’n Tairbeart. Bhiodh tighearna-Chola ris a’ bhàrdachd, ’n a uaireannan, agus an turus so rinn e òran do dh-Ailein—a réir a h-uile coltais a’ “Chaismeachd.” Chòrd e gu math ri Ailein, ’s anns na cuir a bh’ann, thug e a chead do thighearna Chola; ach thuirt e ris, “thoir an aire, ciod a their thu an deigh so mu m’ thimchioll-sa—tha ian beag ann an Cola tha tighinn a dh-innseadh dhòmhsa do chainnte aig do bhòrd fhein—leigidh mi as thu, ach bi ’d earalas á so suas.” Am feasgar a bheatha, thionndaidh e a smaointean ris an ath shaoghal, ’s leig e dh’e a’ chreachadaireachd. Thug e I Chaluim-chille air ’s rinn e réit ’s a dhleasnas ris a chléir; ach b’ annsa le chuid ghillean an t-seann chèaird. Bha fear dhiubh latha ri bhiadh ’s thuit gu’n d’ thàinig aisne air de nach robh moran ri ghabhail, ’s thuirt e, “Is ann air an tigh so a thàinig an dà latha, an uair a tha na cnaimhean cho lom.” “Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal,” agus thuig Ailein mar a bha chùis; agus dh’ òrduich e do na ceatharnaich a bhi deas agus dol leis air tòir cobhartaich. Thog iad orra mach ri Cluaidh ’s cha bu chobhartach e gus an turus sin. B’ i so a’ chreach mu dheireadh ’s a’ chreach bu mhò a thog Ailein; ’s thug iad “Creach-na-h-aisne” mar ainm oirre. Fhuair Ailein saoghal fada, ’s dh’ fhàg e mac a’s nighean. Chuireadh gu dìth a mhac, air son ionnsaidh a thoirt air bràthair ’athar, agus phòs a nighean Murchadh Gèarr Lochabuidhe. Dh’ éug e mu’n bhliadhna 1555, eadar sin ’s 1560, ’s chaidh a thiodhlaiceadh an cairidh Chlann-Ghilleathain, an Réilig Orain, an I Chaluim-chille, far am faicear an uaigh aige gus an là an diugh. Bha Eireannach uair a’ bruidhinn mu mheudachd America agus ars esan, “Tha iad ag radh riumsa gu ’m faodadh tu Sasunn a chuidhleadh troimh America agus nach deanadh i uiread us làrach fhàgail; tha cuaintean uisge ann anns am faodadh tu seann Eirinn a bhàthadh; agus Alba, dh’ fhaodadh tu an dùthaich sin a thilgeil ann an cùil de dh’ America, ’s theagamh nach amaiseadh tu gu bràth tuilleadh oirre mur fairicheadh tu fàileadh an uisge-bheatha.” Tha tri fichead duine ’sa tri de shliochd na Ban-righ beò, seachdnar chloinne, tri deug air fhichead de dh’ oghaichean, agus a tri air fhichead de dh’ iar-oghaichean. Tha iad a’ deanamh a mach gu bheil muillein de dhaoine dall air an t-saoghal—no aon as gach ceithir cheud deug dhe’n t-sluagh. Cheannaich Eireannach uair sia asail air féill; chaidh e mharcachd fir dhiubh agus shaodaich e càch roimhe. Mu’n d thainig e bhar muin an asail aig a dhachaidh, thòisich e air na h-ainmhidhean a chùnntas, ach cha robh ri fhaicinn ach a còig. “Feumaidh gu’n do stad am fear eile air an rathad,” arsa Pàruig. Thill e, agus chaidh e sios us suas, a feorach de gach duine thachradh ris am fac’ e asal fuadain, gus an robh am beothach bochd a bha e marcachd air a shàruchadh cho mor ’s gun do dhiùlt e dhol ceum na b fhaide, agus b’ fheudar do Phàruig tigh’n dheth. Air dha sin a dheanamh thug e ’n aire dh’ an asal, agus ars esan, “Nach mi-fhin an dearg amadan! A siubhal na dùthcha ag iarraidh an asail, agus mi fad na h-uine ’ga mharcachd!” O’n bhliadhna 843 gus a bhliadhna 1107 bha a’ Ghaìlig air a labhairt feadh na h-Alba air fad. Bha i air a labhairt leis na Righrean agus leis an luchd àiteachaidh gu leir. Bha innleachd, agus ealain, agus litreachas na Gàidhlig air an cumail suas re an ama sin. Ach ’nuair a thàinig an ciad Alasdair gu caithir-rioghal na h-Alba anns a bhliadhna 1107, thòisich e air cur dimeas air cainnt a shinnsear, ach ged a thoisich cha b’ i a Bheurla bu mhath leis a chur ’na h-aite, oir b’ i cainnt nan Normanach (seorsa Fraingeis) a bu toigh leis, agus b’ àbhuist da a radh gu’m b’i an t-aon chànain uasal a bha anns an t-saoghal. Anns a’ bhliadhna 1695 thug an treas Uilleam, Righ Shassuin, òrdugh airson màil Easbuigeachd Earraghaidheil agus nan Eileanan a bhi air a thional leis na saighdearan aige, a chum ’s gum bitheadh an t-airgiod aige airson Sgoilean Beurla a thogail, oir chuir e roimhe a’ Ghaidhlig a chur as gu buileach, glan. Is fada o’n uair ud ach tha a Ghailig beò fathast, agus is e dùrachd grch fior Ghaidheil nach faigh i bás gu bràth. B’ ann ri linn an Righ so thugadh an t-òrdugh air son mort Ghlinn Comhainn. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. [TD 303] [Vol. 8. No. 38. p. 7] Litir a Strathalba. FHIR-DEASACHAIDH:— Thug “Earraghael” á New Zealand dhuinn anns a MHAC-TALLA o cheann ghoirid iomradh gasda air oran a bhaird Uigeich. Tha e beagan cearn a thaobh an ughdair. Cha b’ e Calum Domhnullach a rinn idir e, ach Iain a brathair—Iain MacDhomhnuill Mhic Alasdair. Thainig Calum do Cheap Breatunm anns a bhliadhna 1840 no ’41, agus ghabh e fearann ann an Baddeck mhor ach dh’fhàg e sin ’s chaidh e do ’n Rudha Tuath (Cape North) far na dh’eug e o cheann àireamh bhiladhnaichean. Dh’fhàg e dithis mhac agus dithis nighean. Tha Tearlach, am mac a b’ òige, na chomhairliche an siorrachd Bhictoria o cheann iomadh bliadhna. Cha’n fhiosrach mi gu’n robh spiorad bardachd idir aig Calum, ach rinn Iain iomadh òran. Cha d’ thainig esan riamh do’n duthaich so. Nuair bha e òg ghabh e anns an arm, anns an Reisimeid Dhuith, ach cha do chòrd an t-saighdeireachd ris agus ann an beagan bhliadhnachan cheannaich ’athair as e. An deigh an t-arm fhagail thainig e air ais do Ghleann Uige ’s an Eilean Sgiathanach. Thug e fichead samhradh ’s a h-ochd aig iasgach an sgadain, agus a’ cur seachad gach geamhradh aig an tigh. ’S ann aig an iasgach a bha e ’nuair a rinn e n t-òran so. Chaochail e ’sa bhliadhna 1875. Bha mise gle eòlach air Domhnull Ruadh Màrtuinn—“Bodach an t-soluis.” Chaochail e aig Beinn-a-Mhaoir no Beinn na h-Aibhne Miadhanaich. ’S e Nic Ille Mhaoil a bha pòsda aige agus thuirt cuid eigin rium gu’m b’ ise “nighean bhan Mhic-Mhaoilein,” air a bheil iomradh anns an òran. Cha robh sgoil aig Domhnull no moran eòlais air eachdraidh. Chuir am ministeir aon uair ceist air Domhnull—co cheud duine bh’air an t-saoghal? “Gu deanbh fhein a dhuine,” arsa Domhnull, “co riamh a fhuair sin a mach!” Bha mac aige a bha beagan as a rian. B’ esan cùis eagail bu mhotha bh’ agam air an t-saoghal aon uair, cha robh bocan no rud eile na uamhas cho mor leam ri Calum Màrtuinn. Ach cha robh Calum bochd ’na aobhar eagail idir cho mor ’s a bha mise an uair ud an dùil. Dh’fhalbh esan mar an ceudna. ’S e mo bheachd nach eil aon an duigh beò do ghillean Dhomhnuill Mhàrtuinn; Calum, Uilleam agus Domhnull:— “Tha laith’ is bliadhnaidh ’s linn dol seach S cha phill ri neach an triall.” Thuirt “Earraghael,” agus is fhi or dha sin, gun do tharruing am bàrd dealbh cho firinneach air cleachdaidhean na ‘tim a thriall bh’ uainn’ s gu’n do mheas e na rainn ud airidh a bhi air an cumail air chuimhne. Bha ’n t òran air a sgriobhadh sios le fear do ghillean Chaluim Dhomhnullaich gu caraid àraidh a chuir an clò anns a MHAC TALLA e. Ma chi am Fear-deasachaidh iomchaidh faodaidh e thoirt dhuinn facal air an fhacal mar a bha e air a sheinn leis a bhàrd an Alba agus le teaghlach a bhraithar ann an Ceap Breatunn. Na h-uile latha. C. C. Strathalba E. P. E. An Giblean 18mh. la, 1900. Ard ’san t-Saoghal. Tha ’m bàta-smuide a’s àirde th’ air an t-saoghal ri fhaicinn ann an ceann a deas America. Ann am Peru tha loch ris an canar Titicaca a tha sia fichead us deich mile (130,000) troigh os cionn na fairge, agus air an loch sin tha bàta-smuìde a ghiulanas luchd coig ceud gu leth tunna. Chaidh am bàta sin a thogail ann an Dumbarton, an Albainn, a thoirt a mach gu Port Mollendo, air cladach America Deas, agus á sin a ghiùlan na phiosan suas na beanntan Andes dh’ ionnsuidh an locha, astar thri ceud us coig mile fichead, agus an sin chuireadh ’na chéile a rithist e. Bha e na obair mhor agus dhoirbh so uile dheanamh. ’Se Albannach de’n ainm Iain Wilson a bh’ air ceann a ghnothuich bho thoiseach gu deireadh. Bha cuideachd bheag ’nan suidhe mu’n ghealbhan, ann an seòmar taigh-òsda, aon oidhche, agus dh’ éirich deasbaireachd eadar dithis dhiubh mu dheidhinn cuis na h-Eaglaise. Mu dheireadh dh’ fhas a’ chonspaid cho fuaimneach ’s gu’n do dhùisg iad cù mòr a bha ’na chadal air beulthaobh an teine. Thosich an cù ri donnalaich uamhasach a dheanamh. Air so dh’ eirich seann duine agus bhreab e an cù, ag ràdh aig an àm cheudna, “Bi samhach a bheist! cha’n ’eil thu a’ tuigsinn na cùise dad ni’s fearr na tha iad fein.” J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! PUBLIC NOTICE Shorey’s Clothing is sold by Reliable Dealers only others cannot buy it, consequently you can be sure it is as represented. H. Shorey & Co., Montreal. Shorey’s All Wool Business suits Retailed at $8.00 Cannot be beaten. [TD 304] [Vol. 8. No. 38. p. 8] Oran. LE IAIN MAC DHOMHNULL MHIE ALAISTAIR. Dh’ eirich mise maduinn chiuin ’S gun thog sinn siuil ri garbh-chruinn, Chunn’cas dubhradh mor is dudlachd An dara tubh nuair dh’ fhalbh sinn. ’S gun sheid i bras le borb-thuinn chas, ’S i tighinn a mach gu gailbheach, ’S i ruith le sugh air bhar gach stuchd, Ri togail smuid ’san fhairge. Bu mhath bhi n uair sin ’n coire luachrach Shuas aig airidh Uige, Far ’m biodh na h-uain ’s na caoraich luaineach Ruith mu ’n cuairt gu siubhlach; Mi fhin ’s mo chruinneag ri mo ghuallinn ’S deamhais chruadhach duint’ aic,’ ’S gach fear is gille ruith mu ’n cuairt ’S bhiodh Domhnull Ruadh le chu ann. Sud an gleann is boidhche sealladh Ann a maduinn reota, Le caoraich gheala, dhubh is ghlasa, Cuid dhiu tarr-fhionn, brocach, ’S bidh lair le searrach ’m bun gach beallaich Suas ri strath nan lointean, ’Sa dh’ aindeoin gaillionn no fuachd Earraich Cha ’n iarr mart ann crothadh. ’S iomadh caileag chuimir, ghuanach Th’ ann ri uallach spreidhe Le cuman ’s buarach dol an bhuaile ’S laoigh mu ’n cuairt d’ i geumnaich B’ e ’n ceol nach b’ fhuathach leam ur nuallan Dol a luadh na cleithe, ’S mi-fhin mu ’n cuairt duibh ’s piob ri ’m ghualainn Cluich nan duanag eibhinn. ’S iomadh caileag bhoidheach, chuimir Th’ ann, na suidhe air cuibhle, Sniomh nan rolag, seinn nan luinneag— Bidh gach iorram binn aic— A snath is boidhche falbh bho meoirean Cothrom comhnard sinte; ’S a falt na chuaich air chul a cluais, ’S e togta suas, is cir ann. ’S ann leam bu deonach bhi ’s a chomhlan Maduinn bhoidheach cheitein, Ag eisdeachd comhradh nam ban oga Stoireannan ri cheile Gach te toirt barr air e teil’ air bhoidhchead Modhail eolach, speiseil, Le cleochda gorm ’s le coileir dearg Nuair bhiodh iad falbh do ’n Leughadh. A chial ’s a nair! b’ e ’m biadh ’s am blaths A bhi nur cairdeas daonnan, Ri mire ’s manran, cridheach, gaireach,— Be sud gnaths mo dhaoine,— Nan tachradh te dhibh bhi ’s an atha Oidhche mhart na h-aonar Gun loisgte pairt oirre de ’n ghran Le gille ban Beinn Mhaoineis. Nuair bha mi og, mun d’ rinn mi posadh, Bha mi gorach aotrom Falbh gu sporsail ’measg nan og-bhan, Sud an seol bu chaomh leam ’S an te bhiodh coir ’s a bheireadh pog dhomh Shuidhinn stolt’ ri taobh-se, ’S o ‘n te nach fuilingeadh ball na coir dhiom Gheibhinn dorn mu ’n aodann. Nuair thig an geamhradh ’s am nam bainnsean Gheibh sinn dram bho ’n Toiseachd; Bidh nollaig chridheil aig cloinn-nighean ’S aig na gillean oga, Bidh mnathan fein ann subhach, eibhinn ’S iad ag eubhach oran ’S bidh dram aig bodaicheann a fodar ’S ogan orra storigh. Gheibhte sgialachdan ro bhriadha, Aig bodaich liatha, cheanna-ghlas, B’ iad sud na seoid ’nuair bha iad og Gu iomairt bho feadh gharbhlach, Gu ’m bhiodh iad tric ’s an Eaglais-Bhric Ag iomain chruidh feadh gharbh-chrioch, ’S cha rachadh brog a chur mu ’n spoig Gu ruigte an ceo o ’n d’ fhalbh iad. Iain ’ic Thearlaich far do lamh, Tha sinne cairdeil daonnan; Tha thusa fas is mise cnamh, ’S mo cheann cho ban ri faoileig, ’S bu mhor an toileachadh do phaiste Gheibheadh blath ri taobh thu; ’S nuair thig an geamhradh bidh tu sas Aig nighean bhain ’Ilc Mhaoilein. ’S iomadh oidhche fhliuch is fhuar A ghabh mi suas an t-ard-chnoc A shealltinn air a chaileig ghuainich Da ’n robh ghruaidh ro narach, Olc no math le luchd ar tuaileis, A luaidh, gus mi ga d’ fhagail, Phos mi sin thu ’s thug mi uath’ thu, ’S bha sud cruaidh le Padruig. Fhir a shiubhlas gu mo dhuthaich— ’Sann a Uig a dh’ fhalbh mi— Thoir beannachd dubailte da h-ionnsuidh Chosdas cruintean airgid, Is can ri Seochd a th’ anns a Chuil, An co-dhunadh mo sheanchais, Gur barail leam gu faic mi ghnuis Mu ’n teid an nir air Armchul. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 305] [Vol. 8. No. 39. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAY 4, 1900. No. 39. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XIV. An là-iar-na-mhàireach o ’n a bha ’n t-sìde ciùin, briagha, agus gun choltas sam bith gu ’n atharraicheadh a ghaoth, dheònaich an sgiobair gu ’n leigeadh e le àirmeah dhe na seòladairean a dhol air tìr anns an eilean, agus greis dhe ’n latha chur seachad ann. Ged a bha uisge gu leòr aca air bòrd, bha e teannadh ri blas a ghabhail, agus o ’n a bha iad a’ dol gu tìr co dhiubh, thug iad leotha buideal no dhà gus uisge a thoirt leotha gu bòrd, na ’n tachradh uisge math riutha. Thug iad leotha gunnachan, agus fùdar is luaidhe, araon a chum sealg a dheanamh, agus a chum iad fhein a dhìon o fhiadh-bheathaichean. Bha Domhull air thoiseach anns a’ bhàta an uair a leigeadh leis a’ chliathaich i; oir ged a bha e cho déidheil air seòladh ri fear sam bith, bha toil aige faighinn gu tìr air chor ’s gu ’m faigheadh e cothrom air a dhìol ruith is leumnaich a dheanamh. Bha e mu ’n àm ud dlùth air a bhith dà bhliadhna aig muir, agus ged a bha e ’faighinn gu tìr gu math tric an uair a bhiodh an long ann am baile-puirt, cha robh aige mar bu trice ach a bhith coiseachd còmhladh ri ’chompanaich air sràidean cruaidh a’ bhaile. Cha robh so a’ còrdadh ris idir. Air an lath’ ud an uair a chual’ e gu ’n robh e gu faighinn gu tìr do ’n eilean, bha e anabarrach toilichte. Thionndaidh e ri ’dhlùth-chompanach—b’ e sin an seòladair a thug misneach dha gus a dhol air bòrd an oidhche ’theich e—agus thuirt e, “Gheibh mise mo dhìol ruith mu ’n d’ thig sinn air ais gu bòrd. Cha robh mi ruith air talamh lom, glas o ’n oidhche ’theich mi.” “Cha dubhairt mi nach fhaigheadh tu barrachd ruith air na tha thu ’n dùil, a Dhomhuill,” ars’ a chompanach, Callum Ros, ’s e ’deanamh gàire. “Cha’n ’eil fhios nach ’eil daoine fiadhaich agus fiadh-bheathaichean air an eilean. Ach lean thusa mise o ’n tha gunna agus fùdar is luaidhe gu leòr agam. Fhad ’s a mhaireas fùdar is luaidhe dhomhsa cha ’n eagal dhuinn. Cha d’ innis mi riamh dhut gu ’n robh mi anabarrach cuimiseach. An uair a bha mi aig an tigh mu dheireadh tha mi cinnteach gu ’n do chosg mi cho math ri punnd fùdair a’ losgadh air comharradh. Aig astar ceud slat air falbh, chuirinn an amhach bhar botuil leis a’ pheilear. Is e mosgaid Spàinteach a th’ agam a cheannaich m’ athair o Dhomhull saighdear, agus chuala mi iad ag ràdh nach robh gunna ’s an dùthaich gu léir a chaitheadh peilear cho fada ’s cho cinnteach rithe. Cha ’n ’eil de chron agam oirre ach gu ’m bheil i tuilleadh is trom air son losgadh bhar mo làimhe leatha. Ach na ’m faighinn air sorochan i, chuimisichinn rud sam bith leatha. An geamhradh mu dheireadh a bha mi aig an taigh, thug mi iomadh geadh mòr, trom, bhar Loch-nan-Geadh leatha.” “Cha do chuir mi srad a gunna riamh, agus o ’na tha sinn a’ dol gu tir, thoir thusa leat fudar is luaidhe gu leòr, agus bheir thu dhomhsa cothrom air mo làmh fheuchainn air losgadh air comharradh,” arsa Domhull. “Na biodh eagal ort nach toir mise leam pailteas dhe gach nì a shaoileas mi a bhios feumail dhuinn. Tha ’n sgiobair ag ràdh gu ’m faod sinn fuireach air an eilean gu beul dubh na h-oidhche o nach ’eil coltas sam bith gu ’m bheil a’ ghaoth gu atharrachadh ann an aithghearrachd.” An uair a bha iad a’ deanamh deiseil gu falbh gu tir, thug an sgiobair òrdugh dhaibh biadh is deoch a thoirt leotha; oir bha fhios aige mar bu chaoimhneile a bhiodh e riutha gur ann a b’ ùmhla bhiodh iad dha, agus bu togarraiche a rachadh iad an ceann na h-obrach an uair a gheibheadh iad soirbheas fàbharrach. Chaidh dà fhear dheug dhiubh air bòrd anns a’ bhat’ fhada, agus dh’ iomair iad gu tìr ann an ùine ghoirid. Tharruinn iad am bàta a dà fhad fhein os cionn tiùrr an làin, agus choisich iad suas o ’n chladach. Bha gunnachan aig coignear no siathnar dhiubh, agus o ’n a bha dùil aca beagan seilg ’fhaotainn, shuidhich iad mu ’n do dhealaich iad ri ’chéile, gu ’m falbhadh iad ’n an trì buidhnichean, agus gu ’n gabhadh buidheann dhiubh air aghart ris a’ chladach air aon taobh dhe ’n eilean, agus buidheann eile air an taobh eile, agus gu ’n gabhadh an treas buidheann suas troimh mheadhain an eilean. Ach o nach robh buidheann seach buidheann dhe na trì deònach gabhail troimh mheadhain an eilean, b’fheudar dhoibh croinn a thilgeadh, agus b’ ann air a’ bhuidhinn anns an robh Domhull a thàinig gabhail troimh mheadhain an eilean. An uair a chunnaic an dithis eile a bh’ anns a’ bhuidhinn comhladh ri Domhull ’s ri ’chompanach gur ann orra thuit a dhol troimh mheadhain an eilean, thuirt iad nach rachadh iad mòran astair air an aghaidh; agus o ’n a bha ’m biadh ’s an deoch a bh’ aca air son an dinneir a ghabhail an uair a thigeadh iad air an ais feasgar, anns a bhàta, gu ’m b’ fhearr dhaibh fuireach faisge air làimh air eagal gu ’n éireadh dad dha. Cha do mhi-chòrd so ri Dòmhull agus ri Callum Ros idir. O ’n a bha iad cho mòr aig a chéile, bu cho math leotha bhith ’n an ònair ri bhith ann an cuideachd dhaoine air nach robh mòran meas aca. Ghabh iad gu sunndach air an aghart suas o ’n chladach. Bha ’choille gu math tiugh an àite ’s an àite; ach bha àiteachan ann anns nach robh ach preasarlach goirid, agus craobhan air an robh measan a’ fàs. Cha robh eòlas sam bith aig Domhull air craobhan no air measan; oir cha robh craobhan de sheòrsa sam bith a’ fàs anns an àite ’s an d’ rugadh e. Ged a bha coille nàdarra ’fàs anns an àite ’s an d’ rugadh Callum Ros, cha robh mòran eòlais aige air craobhan mheas. Dh’ aithnicheadh e craobh ùbhlan seach craobh phéirean; ach cha robh aon chuid craobh ùbhlan no craobh phéirean ri faicinn anns an eilean. Ach bha ’m pailteas de chraobhan còco a’ fàs ann. Bha cuid dhe na cnothan còco air tuiteam air an talamh, oir bha iad abuich aig an àm. Bha Callum eòlach gu leòr orra, agus an uair a bhrist e té dhiubh thug e air Domhull blas a’ chòco fheuchainn. Cha do mhì-chòrd am blas rì Domhull idir; ach thuirt e gur e fìor acras mòr a bheireadh air a’ bheag dheth ’ghabhail; Cha deachaidh iad glé fhad air an aghaidh troimh choille an uair a thachair amhainn riutha. Cha robh doimhneachd mhòr sam bith innte ach ann an corra àite anns an robh glumagan far an robh easan. Ged a bha e furasda gu leòr dhaibh a dhol thairis oirre, smaoinich iad gu ’m bu cho math dhaibh coiseachd suas ri ’taobh, o ’n a bha e na b’ fhasa dhaibh coiseachd ri srath na h-aimhne na dhol troimh ’n choille thiugh a bha air gach làimh dhiubh. Thug iad an aire gu ’n robh iasg air an amhainn. Bha Domhull ag ràdh gur e bric a bh’ ann, ach bha Callum ag ràdh nach b’ e. Chuir Domhull roimhe gu ’m feuchadh e ri fear dhiubh a ghlacadh. An uair a chunnaic e fear no dhà dhiubh an àite tana, leum e do ’n amhainn, agus a dh’ olc no dh’ éiginn gu ’n d’ fhuair e, ghlac e aon fhear, agus bha moit gu leòr air air a shon. Bha Callum ’g a mholadh air son cho ealanta ’s a bha e an àm a bhith glacadh an éisg. “Nam biodh fhios agad a liuthad breac math a ghlac mi air Amhuinn na Béiste, is ann a dh’ fhaodadh tu mo mholadh,” arsa Domhull. “Ach bhiodh tàbh agam: cha deanadh fear feum sam bith gun tàbh air na h-aimhnichean a th’ anns an dùthaich againne. Cha chreid mise nach ’eil na bric a bhios orra mòran na ’s glice ’s na ’s gleusda na na bric a th’ air an amhuinn so. Is minic a ghlac mi fear dhiubh le m’ làmhan an uair a rachadh an t-uisge troimh a chéile. Cha deachaibh uisge na h-aimhne so troimh a chéile idir fhad ’s a bha mi air a feadh. Cha ’n ’eil e coltach gu ’m bheil ùir no eabar sam bith innte. Cha ’n fhaca mise uisge riamh roimhe cho fìor shoilleir ris an uisge ’th’ innte.” An uair a chuir Domhull crìoch air na briathran so, choisich iad suas air an socair fhein ri taobh na h-aimhne. Bha iad ag amharc air an iasg a bh’ anns an amhainn, agus ar leotha gur ann mar a b’ àirde a bha iad a’ dìreadh, bu mhò a bha de dh’ iasg air an amhainn. Bha so a’ cur ioghnaidh gu leòr orra an toiseach; ach mu dheireadh an uair a thug iad an aire nach robh an amhainn a’ fàs a’ bheag na b’ aimhleithne, no na b’ eudoimhne, thuirt iad á beul a chéile, gu’m feumadh gur ann á loch a bha i ’ruith. Mar a thubhairt, b’ fhìor; oir mu ’n do choisich iad ceud slat air an aghart, thàinig iad ann an sealladh an locha. Bha ’n loch mu mhìle air fad, agus mu leth mhìle air leud, agus bha e ’n a laidhe ann an glaic a bha anabarrach briagha. Bha ’ghlaic so gu lèir còmhdaichte le coille thiugh a bha anabarrach àrd, agus o ’n a bha ’n latha ro-chiùin, agus a’ ghrian an àirde nan speur, bha aghaidh an locha cho lom ’s cho dealrach ri shiota glaine, saor o na bha na h-eòin a bha ’snàmh, agus an t-iasg a bha cluich, a’ deanamh de ghluasad air aghaidh an uisge. Leis cho taitneach ’s a bha ’n [TD 306] [Vol. 8. No. 39. p. 2] sealladh a bha fa ’n comhair leotha, cha robh aca ach ceum glé shocrach gus an d’ ràinig iad beul na h-aimhne. O ’n a bha ’n latha anabarrach teith agus gun deò ghaoithe ann, bha iad nam fallus. Shuidh iad air blionaig bhòidhich aig bòrd an locha gus an anail a leigeadh. Thug Callum làmh air a’ phiob thombaca, agus o ’n bu ghnàth leis a bhith giulan cuach-theine agus spor agus ascart, cha robh e tiotadh ’g a lasadh. Bha ’shùil air na h-eòin a bha snàmh air an loch, ach o ’n a bha iad uile gu math fad o thìr, bha fhios aige nach robh e ’n comas dha aig an àm faighinn cho dlùth dhaibh ’s gu ’m faodadh e losgadh orra. “Is mòr a b’ fheairde sinn biadh, na ’n robh e againn,” ars’ esan. “Cha ’n ’eil sin falamh idir,” arsa Domhull, “oir lìon an còcaire mo phòcaidean le brioscaidean ’s le feoil mn ’n d’ fhalbh mi. Cha robh mi deònach an gabhail; ach cha leigeadh e bhar bùird mi gus an do lìon e mo phòcaidean. Nach ann is fhearr dhuinn an t-iasg a bhruich, o ’n a theid againn air teine fhadadh? Theid mise a chruinneachadh connaidh fhad ’s a bhios tusa ’gabhail smoc.” Gun tuilleadh a ràdh, dh’ éirich Domhull, agus glé fhaisge air làimh fhuair e ultach de bhiorain thioram. Ann an ùine ghoirid dh’ fhadaidh iad deadh theine. Sgoilt iad an t-iasg air a dhruim; oir bha deadh sgian-luthaidh am fear aca, agus ròst iad e air na biorain. An uair a bhlais iad an t-iasg, chord e riutha anabarrach math. “Na ’n robh gràinean salainn againn air, bhiodh e glé bhlasda,” arsa Domhull. “Nach fhad o ’n a chuala tusa, gu ’n toir am fiadh a shalann as a’ bheinn ged nach toir an t-iasg a shalann as a’ mhuir,” arsa Callum. “Chualas an seanfhacal sin o chionn iomadh linn; ach cha b’ ann as a’ mhuir a thàinig an t-iasg idir ach as an amhainn far nach ’eil deur sàile.” “Thòisich thu air a’ bhearradaireachd, a Dhomhuill”— Anns an fhacal chual’ iad fuaim air an loch a thog an aire bhar a’ chòmhraidh a bh’ eatorra, agus a chuir clisgeadh orra. Sheall iad air a chéile, agus an sin sheall iad an rathad o ’n d’ thàinig am fuaim. B’ e ’m fuaim a chual’ iad, am fuaim a rinn na h-eòin an uair a dh’ éirich iad air iteig bhar an locha. Dh’ aithnich iad gu ’n do chuir ni eiginn fiamhlach fo na h-eòin; ach cha b’ urrainn daibh a thuigsinn ciod a bh’ ann. Bha ’n sùil air an loch feuch ciod a chitheadh iad, agus bha ’n cluas ri claisneachd feuch ciod a chluinneadh iad. Mu ’n do mhothaich iad do ni sam bith, chual’ iad séideil, agus ghrad thuig iad gu ’n robh creutair air choireigin a’ snàmh air an loch. An uair a chunnaic iad e, cha b’ urrainn daibh a dheanamh am mach ciod an creutair a bh’ ann; ach mar a bha e ’tighinn na bu dlùithe dhaibh—oir bha e mar gu ’m biodh e ’deanamh dìreach orra—dh’ aithnich iad nach bu duine a bh’ ann. Thug so misneach dhaibh; oir bluail e anns an inntinn aca le chéile an uair a chunnaic iad e, gu ’m faodadh gu ’n robh daoine fiadhaich air an eilean, agus gur dòcha gur e fear dhiubh a bh’ ann. An uair a bha ’n t-ainmhidh so mu dhà cheud slat o ’n àite anns an robh iad ’n an suidhe, dh’ atharraich e ’chùrsa, agus chaidh e air tìr mu thrì fichead slat an taobh thall dhiubh. O nach robh sorachan eile bu fhreagarraiche aig Callum, chuir e ’mhoscaid air gualann Dhomhuill, agus loisg e air an ainmhidh. B’e fras math garbh a bh’ aig Callum anns a’ mhosgaid, oir bha e ’n dùil gu ’m faigheadh e cothrom air losgadh air na h-eòn; agus ged a leòn e ’n t-ainmhidh cho mòr ’s gu ’n do thuit e anns a’ bhad an robh e, dh’ éirich e mu ’n d’ ràinig iad e, agus ruith e steach do ’n choille cho luath ’s ged nach rachadh srad luaidhe ann. Ruith iad ’n an dithis a steach as a dhéigh. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. V. Thainig an caraid a bha ’g eisdeachd fad na h-uine, agus a chual’ a h-uile facal a thuirt an stiubhard, a steach s’a mhionaid, agus dh’ innis e do ’n chuideachd a h-uile guth a chual’ e. “Is e bhur gnothach-se, a dhaoin’ uaisle,” ars esan, “bhur feum fhein a dheanamh dhe ’n rabhadh so. Air mo shon fhein dheth, tha mi ag aideachadh gu foillaiseach ’n ’ur lathair, gur e so an turus mu dheireach a chi Nouredin mi an taobh a staigh dhe ’dhorus.” “Ma tha cuisean mar a tha thu ’g innseadh dhuinn,” arsa cach ’s iad a’ freagairt a beul a cheile, “cha ’n ’eil aobhar dhuinne tighinn an so na ’s mo na th’ agad fhein. Agus na dheigh so bheir sinn an aire mhath nach cuir sinn dragh sam bith air.” Thainig Nouredin a steach anns an am; agus ged a bha e deanamh na b’ urrainn e gus a bhith cho aoidheil ri ’chairdean ’s bu ghnath leis, cha robh e an comas dha an dragh inntinn a bh’ air a chumail am falach. Thuig iad gu soilleir gu ’n robh an fhirinn anns na chual’ iad. Cha robh e fada ’na shuidhe an uair a dh’ eirich fear dhe na cairdean ’na sheasamh, agus thuirt e, “Mo thighearna, tha mi ro dhoilich nach urrainn domh fuireach na ’s fhaide, agus air an aobhar sin tha mi ’n dochas gu ’n toir sibh mathanas dhomh a chionn a bhith cho mi-mhodhail ’s gu ’m bheil mi falbh cho trath.” “Ciod e an gnothach cadhagach a tha ’gad thoirt air falbh cho trath?” arsa Nouredin. “Mo thighearna, dh’ fhas mo bhean tinn an diugh, agus ann an tinneasan dhe ’n t-seorsa, mar a tha fhios agaibh, feumaidh fear an taighe a bhith aig an taigh an comhnuidh.” Rinn e beic le mor umhlachd do Nouredin, agus dh’ fhalbh e. Beagan uine na dheigh sid dh’ fhalbh an dara fear, agus ghabh e leithsgeul eile. Dh’ fhalbh fear an deigh fir dhe ’n deichnear leis am bu ghnath a bhith aig cuirm comhladh ri Nouredin, agus dh’ fhagadh ’na onar e. Cho luath ’s a dh’ fhalbh iad, chaidh Nouredin, agus gun fhios aige gu ’n do shuidhich iad nach tigeadh iad ’na choir tuilleadh, de sheomar Bean na Maise; agus dh’ innis e dhi a h-uile facal a thuirt an stiubhard ris. Agus bha choltas air gu ’n robh e fo mhor dhragh mu ’n chuis. “Mo thighearna,” ars’ ise, “ceadaich dhomhsa a radh nach gabhadh tu facal dhe m’ chomhairle-sa. B’ fhearr leat gnothaichean an taighe a riaghladh ’na do dhoigh fhein, agus tha thu nis a’ faicinn mar a dh’ eirich dhut. Tha mi ’faicinn nach robh mi meallta ’nam bharail an uair a roimh-innis mi gu ’n tugadh tu mi-fhortan ort fhein air a’ cheann mu dheireadh. Ach is e an dragh a’s mo a tha orm, nach ’eil thu fhathast a’ faicinn meud a’ mhi-fhortain a thainig ort. Ge b’ e uair a ghabh mi orm fhein comhairle a thoirt ort, theireadh tu rium, ‘Biomaid subhach, agus gabhamaid ar sath de thoileachadh an t-saoghail fhad ’s a tha am fortan a’ toirt cothrom dhuinn. Math dh’ fhaoidteadh nach bi am fortan an comhnuidh cho fialaidh ruinn.’ Ach am bu choir coire a chur orm an uair a dh’ innis mi dhut, gur e sinn fhein a tha deanamh ar fortain le bhith gu glic, curamach a’ riaghladh gach ni a bhios againn? Cha ’n eisdeadh tu rium, agus b’ fheudar dhomh, an aghaidh mo thoile, leigeadh leat a dhol air aghart ’na do dhoigh fhein.” “Feumaidh mi aideachadh,” arsa Nouredin, “gu ’n robh mi fada cearr an uair a dhiult mi do chomhairle ghlic a ghabhail. Tha e fior gu leor gu ’n do chaith mi mo chuid dhe ’n t-saoghal; ach cha ’n ’eil thu toirt fa near gu’n do chaith mi e am measg chairdean taghta air an robh eolas agam o chionn fada; agus tha mi lan chinnteach gu ’m bheil iad na ’s caoimhneile agus na ’s taingeile na gu ’n treig iad mi an uair a tha mi ’nam eiginn.” “Mo thighearna, mur ’eil ni sam bith agad gus do chuideachadh ach taingealachd do chairdean, tha thu ann an suidheachadh gle thruagh; oir, creid mise, tha do dhochas meallta, agus aidichidh tu fhein sin dhomhsa fhathast.” An uair a chuala Nouredin so, thuirt e, “Mo bhean ghaoil, tha barail na ’s fhearr na sin agam air taingealachd mo chairdean. Tha duil agam a dhol far am bheil iad am maireach, mu ’n tig an t-am dhaibh tighinn an so; agus chi thu gu ’n till mi dhachaidh le deadh shuim ann am laimh a bheir iad dhomh gus mo chuideachadh. Tha mi cur romham nach lean mi na ’s fhaide air an doigh a bh’ agam. Agus toisichidh mi ri marsantachd leis an airgiod a bheir iad dhomh ann an isad.” Air an ath mhadainn chaidh Nouredin a thaghal air a dheichnear chairdean. Bha iad a’ fuireach air an aon t-sraid ris fhein. Bhuail e aig an dorus aig an fhear bu bheartaiche dhiubh. Thainig seirbhiseach a dh’ fhosgladh an doruis; ach mu ’n d’ fhosgail e e, dh’ fheoraich e co a bh’ ann. “Abair ri do mhaighstir,” ars’ esan, “gur mise Nouredin, mac Chacain, an t-ard-chomhairleach nach maireann, agus gu ’m bheil toil agam bruidhinn ris.” Dh’ fhosgail an seirbhiseach an dorus, agus an uair a thug e Nouredin a steach do ’n talla, chaidh e dh’ innseadh dh’ a mhaighstir gu ’n robh Nouredin toileach bruidhinn ris. “Nouredin!” ars’ esan, agus e ’bruidhinn le guth ard, taireil a bha furasda gu leor a chluinntinn anns an talla far an robh Nouredin ’na shuidhe. “Bi falbh, agus abair ris nach ’eil mis aig an taigh. Agus ma thig e uair sam bith eile, abair na ceart bhriathran ris.” Chuala Nouredin a h-uile facal a thubhairt e, agus bha ioghnadh anabarrach air. An uair a thainig an seirbhiseach air ais, thuirt e ri Nouredin gu ’n robh e an duil gu ’n robh a mhaighstir a staigh, ach nach robh e ’staigh idir. Dh’ fhalbh Nouredin am mach as an taigh agus inntinn gle mhor troimh a cheile. “Ah! nach b’ e sid an duine suarach, neo-thaingeil!” ars’ esan, “a rinn orm mar sid an deigh boideachadh gu tric an de gu ’n robh agus gu ’m bitheadh e ’na dhluth charaid dhomh.” Chaidh e gu dorus caraid eile, ach dh’ ordaich an caraid sin d’a sheirbhiseach a radh ri Nouredin nach robh e aig an taigh. Thugadh a’ cheart fhreagairt dha aig dorus an treas caraid. A dh’ aon fhacal, cha tugadh fear seach fear dhe ’n deichnear chairdean uiread de thoileachadh dha ’s gu ’n rachadh iad thun an doruis a bhruidhinn ris. Aig an am thoisich Nouredin ri smaointean gu dluth air mar a thachair dha, agus air cho amaideach ’s a bha e an uair a chuir e earbsa ann am briathran ’s am boidean nan cairdean mealltach a bha gach latha fad na bliadhna gu greadhnach, soghail aig an aon bhord ris, agus do ’n d’ thug e a mhnaoin gu leir. “Tha e fior gu leor” ars’ esan ris fhein, agus e ’sileadh nan deur, “gu ’m faodar duine fortanach mar a bha mise a shamh- [TD 307] [Vol. 8. No. 39. p. 3] lachadh ri craoibh a tha luchdaichte le measan, mu thimchioll am bi daoine ’cruinneachadh gus na measan itheadh fhad ’s a mhaireas iad; ach cho luath ’s a theirgeas na measan falbhaidh iad gu craoibh eile.” Bha e ’cumail air fhein cho math ’s a b’ urrainn e gus an d’ rainig e dhachaidh; agus an sin, gu tursach, deurach, dh’ innis e do Bhean na Maise mar a dh’ eirich dha. Cha bu luaithe a chunnaic Bean na Maise e na thuig i gu math nach deachaidh cuisean leis mar a bha e an duil, agus thuirt i, “Mo thighearna, nach ’eil a nis dearbhadh gu leor agad gur e an fhirinn a bha mise ag innseadh dhut?” “Ah! mo cheist,” ars’ esan, “bha d’ fhaisneachd fior gu leor. Cha leigeadh a h-aon dhiubh orra gu’m faca iad riamh mi, agus cha tugadh iad uiread de thoileachadh dhomh ’s gu ’m bruidneadh iad rium. Co b’urrainn mi a chreidsinn gu ’m biodh daoine a bha cho fada ’nam chomain, agus air an do chaith mi mo chuid dhe ’n t-saoghal cho cruaidh chridheach rium? Tha mi air thuar a dhol as mo chiall. Agus tha eagal orm gu ’n dean mi gniomh a bheir masladh orm. Anns an eiginn anns am bheil mi cha ’n ’eil fhios agam ciod a ni mi mur toir thusa le do chomhairle ghlic cuideachadh dhomh,” “Mo thighearna,” ars’ ise, “cha ’n eil mise faicinn gu ’m bheil doigh sam bith agad air thu fhein a chumail suas anns an àm mhi-fhortanach so, ach na seirbhisich agus an t-innsreadh a reic, agus feuchainn ri bhith beo air na gheibh thu orra, gus an cuir an Cruithfhear doigh eile ’nad rathad a bheir as an eiginn thu.” Cha robh Nouredin deonach an doigh so a ghabhail; ach ciod a b’ urrainn e dheanamh anns an eiginn chruaidh anns an robh e? Reic e na seirbhisich an toiseach; oir cha robh aon chuid feum aige orra, agus cha mho a bha doigh aige air am beathachadh. Chum an t-airgiod a fhuair e air an son suas e car uine; agus an uair a theirig an t airgiod, thug e ordugh an t-innsreadh math, luchmhor a bh’ aige ’thoirt do ’n mhargadh far an do reiceadh e air leith prise. Chum na fhuair e air son an innsridh suas greis mhath e; agus mu dheireadh an uair a bha e lom, falamh, agus gun doigh sam bith aige air bonn airgid fhaotainn, thoisich e gu bronach ri deanamh a ghearain ri Bean na Maise. (Ri leantuinn.) Buinidh a chathair a’s fiachaile th’ air an t-saoghal an diugh do’n Phàp. Tha a’ chathair air a deanamh air airgead, agus is fhiach i da fhichead mile dolair. Chuireadh an chathair so g’a ionnsuidh mar ghibht le bancair beairteach a mhuinntir nan Stàitean. NA SPUINNEADAIREAN. (Air a leantuinn.) Bha nis grabadh air a chuir air an seanachas air a chuid eile de’n bhuidhinn a thighinn. Air cluinntinn dhaibhsean gu robh ’m fear-iùil a nis a brath ’m fagail dh’ ath labhair iad ach beag na briathran anns na labhair Eilidh ris ’ga chuireadh. Ach cha b’ ann ’s an dòigh cheudna fhreagair e iadsan agus a fhreagair e ise. Thuirt e riuthsan gu robh gnothach àraidh aige ri fhreasdal an aite eile, agus gu ’m feumadh iad deallachadh far an robh iad. Ach gheall e, ach ’s ann mar neach aig nach robh fior dhùil a choimhlionadh, gun taghaladh e ac’ a chiad uair a bhiodh e ’m Banff. “O’n nach teid thu maille ruinn ma ta,” ars fear do na daoin’-uaisle, “innis dhuinn air a chuid is lugha co e aig a bheil sinn cho mor ann am fiachan airson a chaoimhneis gun àireamh a nochd thu dhuinn. Dean de dh’ fhàbhar ruinn t’ ainm innse ma ’se do thoil e.” “M’ainm!” ars ’m fear-iùil, le gaire, “cha ’n fhiù e. Aithnichidh sibh mi ge b’e c’uine na c’àit an amais sinn a rithisd ’s docha, ’s ni sin an gnothach. Le so a labhairt, rinn e crathadh làmh ris gach aon dhiubh agus dh’ imich e air falbh leis a cheart cheum shunndaich leis an d’ thainig e thuca ’n oidhche roimhe sin, us bha e thiotadh as an t-sealladh. Cha bhitheadh e soirbh a radh le cinnt, gu de bharail a bh’ aig a chuideachd’ air an duine bhlàth-chridheach neònach a bha nis air am fàgail. Bha thrusgan a ghniomh, agus oilean a dearbhadh gu robh e fad os cionn a chumantais. Bha ’chuideachda gu aon-inntinneach ag radh gu ’m bu duine uasal, ionnsaichte agus talainteach e. Ach thug gach aon dhiu an aire nach deachaidh, aon chuid, ainm, a dhreuchd na àite-còmhnuidh a labhairt re na h-ùine bha iad ’na chuideachda. Cha tug a h-aon dhiu, gu so, os-near a chuid àiridh so do’n chùis. Gach aon ac’ a nis, a’ fairid dhe ’n aon eile, le ioghnadh, na thuig iad ni air bith a bheireadh solus air a ghnothuch; ach b’e freagairt uile nach do thuig. Agus rud a b’ anabarraich buileach, o’n thug iad a nis an aire, cha deach’ ainm a labhairt aon uair fein le fear-an-taighe far na chuir iad seachad an oidhche. Am measg a rannsaichidh so thug e gu ’n cuimhne mar a dhiult e ainm innse an am deallachadh. Thainig iad gu co-dhunadh gu’m bu ghnothach tur iongantach a bh’ ann; ach o nach robh e na ’n comas solus air bith a chur air, leig iad seachad e. Cia air bith ciod an drùghadh a rinn gach teagamh us amharus a bha a nis air a ghluasad an inntinn gach aon de ’n bhuidhinn ma thimchioll an fear-iùil air inntinn Eilidh, tha e an fhiosrach oirnn; ach ’se ar barail gu robh a breithneachadh air a chùis cala-dhireach an aghaidh mar a bha inntinn a chuid eile de’n bhuidhinn. Na beachdse cha robh co-cheangal air bith aig na nithean doilleir so ri dad a bha neo-fhàbharach do chliù an duin’-uasail. Bha i ’faicinn, gun teagamh, gu robh nith-eigin ’ga chumail an cleith leis; ach cha d’ thainig e aon uair ’n a h-inntinn gu’m b’ ann ag eiridh o ghnothach eas-uramach air bith a bha so. Aig cho mor ’sa bha i ma dheighinn, bha i deanamh dheth nach gabhadh ni cearr a bhi fuaighte ri fear cho caoimhneil blàthchridheach ’na ghiùlan, agus cho eireachdail na phearsa ’s na chruth. Bha ’cridhe féin gun gho gun cheilg agus b’e a lan-bheachd gu robh esan, a d’ aindeoin gach diomharachd a bha timchioll air, anns an dòigh cheudna. Bha chuideachd a nis a teannadh dlùth ri ceann na slighe, agus ann an ùine gle bheag bha iad aig an dachaidh. Ma leigeas sinn a nis seachad de dh’ ùine mu thuaiream mios, agus ma choimheadas sinn ’n sin, ann an g[?]nanaich feasgar àraid air caol-shraid dhiomhair, aig astar ni ’s lugha na cairteal a mhile fo dhachaidh Eilidh Mhàrtuinn, dluth do bhaile Bhanff, chi sinn, a sraidimeachd ann a sin da urra aig fior chonnaltradh diomhair. Ma theid sinn ni ’s faisge orra, tuigadh sinn gur leannainn iad; chi sinn gur i Eilidh Mhàrtuinn agus a leannan diomhair a th’ ann; agus ’se so an coigibh na ’n siathamh feasgar air an d’ rinn iad coinneamh anns an àite cheudna o’n a dhealaich iad anns an àm roimh-aimichte. “Ciod ’s ciall do’n diomhaireachd so a Sheumais?”—oir fhuair i mach an urrad so de ainm—dh’fhaodte Eilidh a chluinntinn ag radh ri leannan aig an àm so, ’s i coimhead gu deothasach ’na aodann, “Ciod is ciall do’n ghnothach do thuigsinneach so? C’arson nach tig ’s nach falbh thu ach fo sgleò na h-oidhche? Ciod is reusan gu bheil thu le leithid do chùram a seachnadh gnùis duine fhaicinn? agus carson gu sonraichte tha thu daonnan cho cùramach air t-armachadh? O, nis a Sheumais, earb asam, agus innis dhomh an t-iomlan. Thoir am bruaillean so bharr m’ inntinn. Innis dhomh aobhar nan nithean so. Tha thu deanamh cearr orm le ’bhi ceiltinn; tha e sealltainn gu ’m bheil thu cur teagamh na mo threibhdhireachd—tha e sealltainn gu ’m bheil thu ’m beachd nach airidh mi air earbsa.” “Gun cuirinnsa teagamh ’na d’ threibhdhireachdsa, Eilidh! na an-earbsa urad!” ars esan. Bu luaithe chuirinn teagamh ann gu’n eireadh a ghrian a chaidh fodha na nach b’ airidh thusa air earbsa, ’ghaoil; ach cha ’n urra mi, cha’n fhaod mi ’m fiosrachadh a tha thu sireadh a thoirt dhuit; oir le sin a dheanamh bha mi gad chall gu bràth; agus cuimhnich fhein ciod a ghabhainn us a leithid sin do phian a thoirt orm féin? “Bi riaraichte, Eilidh, aig an àm co-dhiù, le dearbhadh mo ghaoil dhuit cho neo-airidh ’s gu bheil mi, gaol cho neo-chealgach ’s a ghluais riamh ann an cridhe duine.” “Tha mi cinnteach as a sin, a Sheumais, cha do chuir mi teagamh riamh ann,” ars Eilidh ’s na deòir a sileadh gu frasach o sùilean, ’s i leigeadh taic’ ciun air a ghuallainn; “agus cha chuir mi impidh ort ni ’s fhaide airson am fiosrachadh a bha dhith orm o’n a tha e’n aghadh d’ inntinn innse. Bidh mi riaraichte, aig an àm, mar tha thu ag radh le earbs’ as d’ fhirinn, agus an còrr fhàgail gu àm is freagarraiche agus uair is sòlasaich.” “Uair is sòlasaich, Eilidh,” ars a companach, le seòrsa do shearbh aoidh. “Mo chreach, cha’n ’eil uair is sòlasaiche na so an gealltainn dhomhsa. Ach ’s leoir am feobhas so féin;” agus ghabh e, le guth iosal ach anabarrach binn, rann de dh’ òran, “Ged is ainmeil beartas nan Innsean, Ged a gheibhinn coir dhomh fhin air— Bheirinn bhuam e le toilinntinn, Arson aon uair de d’ chomhradh diomhair.” “Malairt gle bhochd, a Sheumais,” ars Eilidh us aoidh ghàire oirre ’s ruthadh a tighinn ’na h-aodann. ’S bard math thu, ach ar leam nach deanadh tu ach ceannaiche bochd.” “Faodaidh sin a bhith, Eilidh,” ars’ a companach, “gidheadh, bhithinn gle riaraichte le m’ bhargan.” Aig a cheart am so chual iad fuaim am measg phreasan a bha fagus do’n àite ’san robh iad nan seasamh. Ghrad spion an coigreach a chlaidheamh as an truail, us e dùrdail aig an am chiadna. “Ha! tha iad air mo luirg? Ach bidh ceannach ac’ air! cha bhi e saor dhaibh mis a ghlacadh!” Bha ’n claidheamh deiseil aige ’s e feitheamh ris an ath fhuaim a chluinntinn; ach cha do chual’ e ’n còrr; agus chaidh, mar sin geilt leannan an darna taobh, agus thòisich iad ri dian-chòmhradh a rithisd. Aig ceann “uair ghoirid” dhealaich na leannain, agus sin gus gun choinneachadh ri’m beò tuilleadh, mi-fhortan ris nach robh dad de dhuil aca; oir bha gealladh sòlaimte air a thoirt leis an dithis gun deanadh iad coinneamh aig an aon àm agus anns an aon àite seachdain o’n oidhch’ ud. ’S dualach gur riarachadh air inntinn a leughadair, a thaobh a leannain annasaich aig Eilidh Mhartuinn, ma leanas sinn a cheuman an deigh dha dealachadh rithe mar a dh’ainmich mi. ’S co math dhuinn anns a chiad àite thoirt fainear do leughadair nach robh na ceilidhean aig an duine so air seòl ’sam bith soirbh an comhlionadh. Bha aige ri dhol thar beinn us sliabh còrr agus fichead mile dh’ astar; ach bha e luath laidir, agus cho clis ri fear do dh’ fhéigh nam beann us cha robh an gniomh ’na ni cudtromach leis a dheanamh. Ma leanas sinn e ma ta mar a thuirt mi air an oidhche so, gheibh sinn e dol thairis air an astar mar a dh’ ainmich sinn agus air deireadh a ruigheachd gleann cumhang (Air a leantuinn air taobh 310.) [TD 308] [Vol. 8. No. 39. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, MAY 4, 1900. AN COGADH. Tha aobhar sonruichte aig paipearan naigheachd an t-saoghail a bhi taingeil gu bheil cogadh mor agus iongantach a’ dol air agaidh ann an ceann mu dheas Africa. Tha, air feadh an t-saoghail gu leir, iarrtus làidir, gach latha, air eòlas fhaotainn agus air fios pongail mu dheibhinn na comhstri tha na Breatunnaich le gaisge fearail agus le feachd lionmhor a deanamh an aghaidh nam Boeireach ann an Africa. Tha MAC-TALLA an dràsda ’sa rithist a’ tabhairt iomraidh air a chogadh so. Tha na Gàìdheil a tha ’leughadh gach eachdraidh a tha tighinn bho dhùthaich a chogaidh fior measail air na réiseamaidean Gàidhealach, mar is cubhaidh daibh a bhi. Is ann le doilgheas, nach falbh seachad ann an ùine ghearr, a tha na Gàidheil ann an Canada ’s ann an ionadan eile, ’gabhail beachd air na gaisgich fhoghainteach ghasda, threunmhor, a bha air an sgabadh sios mar a sgabas am buanaiche ’n t-arbhar ann an làithean an fhogharaidh. Bha meas da rireadh mor aig na h-Albannaich air a’ cheannard Wachoupe, a chaill a bheatha dluth air an amhainn mhosaich iomraiteach Mhorro. Bha e air ceann nan Gàidheal, agus bha gràdh aig gach saighdear air. Rinn cuid-eiginn mearachd eagalach, agus thainig leis a mhearachd narach so call bhàsmhor air na réisimeidean Gàidhealach a a ghleachd iomadh blàr agus a thug iomadh iomadh buaidh roimhe ann an stri chruaidh mar lann air machair us faiche ’n àir. Tha e nis cho soilleir ri solus an latha, gu feum doigh ùr a bhi ’na dheigh so air a chleachduinn ann an ionnsachadh a thabhairt do na saighdearan dearga. Ged nach d’ fhuair na Boeirich foghlum air bith ann an innleachd a chogaidh, tha iad anabarrach tapaidh, agus theid aca, cosmhuil ri gillean-mirean, air dol gu luath, luath bho aon àite gu cnoc no glaic eile, far am faigh iad cothrom air feachd Bhreatuinn a mhilleadh agus a ghlacadh. Cha ’n ann le toileachas air bith a tha sinn a cluinntinn gu deachaidh tri no ceithir no coig ceud saighdear Breatunnach a thoirt mar phriosanaich gu Pretoria, no baile mor nan Boereach. Is olc an naigheachd gu bheil tri fichead mile saighdear dearg aig Bloemfontein, agus gu deachaidh mile saighdear Breatunnach, ma dh’ fhaoidte, threorachadh air falbh nam priosanaich fo chumhachd us smachd nam Boeireach gu Pretoria. Bithidh iomadh Gàidheal, cosmhuil rium féin, a foighneachd le feirg, beag no mor, “Ciod a’ bha ’m Morair Roberts, agus a cheannardan lionmhor agus a thri fichead mile saighdear a’ deanamh an uair a leig iad do na Boeirich mar fhichead mile do Bhloemfontein, far am bheil Roberts agus fheachd a tuineachadh bho cheann se seachduinean, ruith air falbh le mile saighdear Breatunnach mar phriosanaich? Rinn na gaisgich chumhachdach fhoghluimte aig tùs a chogaidh, mearachd anabarrach, do bhrigh gu do chuir iad coisridh, no saighdearan coise, ’s nach do chuir iad eachraidh gu leòir, a dh’ ionnsuidh a chogaidh. Is e eachraidh air am bheil feum anabarrach ann an cogadh an aghaidh nam Boeireach, anns an tir chnapaich, shlochdach, chnocach, shruthach, ghlacach ud. Tha eich làidir, ghasda tighinn a nis gu ceann mu dheas Africa bho gach cearna dhe’n t-saoghal. Tha miltean de eich chruadalach làidir a’ ruigheachd tir a chogaidh gach seachduin a nis. Tha iomradh anns gach àite gu bheil am Morair Roberts, agus na saighdearan lionmhor (oir tha còrr us da cheud mile saighdear Breatunnach an diugh ann an ceann mu dheas Africa, agus cha ’n eil ’nam measg saighdearan a’s modha treòir, us aghartais, us sgil no na saighdearan Canadianach), a’ dol air ball a dheanamh oidheirp dhuineil eile air na Boeirich a chiosnachadh, agus air crioch a chur air aramach us aimhreit nan daoine ceannairceach ann an Africa mu Dheas. Is e an t-òr dearg a thionndaidh ceann Chrugair agus a chompanaich. Tha iad a faicinn cheana, mur ’eil iad gu tur dall agus aineolach, gu b’e latha duaichni, muladach a bha anns an latha ud a thòisich air òr us maoin a thabhairt ann am pailteas d’ a féin agus do na luchd-comhairle aineolach a bhuineadh da. Theid e féin agus òr agus a chompanaich a chur gu buileach as an àite; cha bhi cumhachd no iomradh orra. Tha Leids (Leyds) aon de na companaich d’ an d’ thug e moran òir, anns an Roinn-Eòrpa deanamh gach oidheirp a’s urraìnn da air an Fhraing agus dùthchannan eile chur an aghaidh Bhreatuinn. Tha na h-amadain thruagha tha cumail paipearan naigheachd anns an Fhraing agus anns a’ Ghearmailt, agus anns an Olaint, a’ gabhail cuibhrinn làidir de mhaoin Leids, agus a sgriobhadh nithean narach, salach, sgainnealach mu dheibhinn Bhreatuinn agus na Ban-righ aosmhor, àluinn, gheamnuidh, ghlic, eireachdail, chaoimhneil a tha rioghachadh tri fichead agus tri bliadhna thairis air rioghachd farsuing, beartach agus oidheirc Bhreatuinn. Loisg amadan air Prionnsa Uallaidh ann am baile mor na h-Olaint. Tha gach duine ro-thoilichte nach deachaidh am Prionnsa gasda, measail a mharbhadh. Cha d’ fhuair e leòn air bith. Tha Breatunn gu leir a’ faicinn gu soilleir gu bheil naimhdeas eagalach air fhadadh suas le òr Chrugair agus Leids ann am mor-roinn na h-Eòrpa an aghaidh Bhreatuinn agus a teaghlaich rioghail. Tha dòchas mor agam nach teid am Prionnsa measail idir gu coinneamh iomraiteach nam Frangach, oir cha bhitheadh a bheatha tearuinte am measg nan daoine ’tha ’gabhailòir Chrugair airson amaideachd agus thù ’s fearg a sgriobadh ’n am paipearan-naigheachd baoghalta bochd. Innsidh MAC-TALLA mar tha e ruigheachd righrean us luchd-riaghlaidh na h-Eòrpa. Is coir daibh uile iad a chumail an teanga, ’sa bhi modhail, do bhrigh gu bheil comas gu leòr aig Breatunn air na h-uile mac màthar aca sgiùrsadh gu maith agus gu ro-mhaith. CONA. Tha sinn an dochas gu ’n dean an luchd-gabhail an dichioll air paigheadh a’ phaipeir a chur air adhart gun dàil. Tha moran againn ri phaigheadh a mach, agus cha’n eil doigh againn air sin a dheanamh mur bi e tigh’n a stigh. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend. & Co., Sidni, C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. STOR ADAN. Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh. H. H. MAGEE. Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY. May 3, ’00—1 yr. [TD 309] [Vol. 8. No. 39. p. 5] NAIGHEACHDAN. Dh’fhàg a’ Bhan-righ Bail-a-cliath Dior-daoin s’a chaidh agus rainig i Windsor Di-haoine. Tha i anabarrach buidheach dhe ’turus do dh’Eirin. Tha comhairle na siorrachd cruinn o Di-mairt s’a chaidh. Cuiridh iad crioch air na tha fa’n comhair an diugh no ’m maireach, agus bidh iad a sgaoileadh gu toiseach na h-ath bhliadhna. Chaochail Diùc Earraghaidheal air a’ cheathramh latha fichead de dh’ April, aig aois tri fichead bliadhna ’sa seachd. Bha e ’na dhuine tapaidh, aig an robh làmh ann an riaghladh na rioghachd uair us uair. Bha e ’na bhall de thigh nam Morairean o’n bhliadhna 1847. Tha a mhac, Marcus Lathuirn, a tha aig an àm so ’na bhall de thigh nan Cumantach, gu bhi ’na Dhiùc ’na àite. Tha an t-im anabarrach daor an so aig an àm, an seòrsa ’s fhearr a creic air bho thri gu ochd sentichean fichead am pùnnd. Ann an Glace Bay, thatar ’ga chreic air deach sentichean fichead—pris air nach cualas ach gann riamh iomradh anns an dùthaich so. Ach cha’n eil teagamh nach bi e a’ fàs pailt an ùine ghoirid, agus an uair sin tuitidh a’ phris. Tha da eilean bheag anns na h-Innsean an Iar—St. Thomns agus St. Croix—a bhuineas do rioghachd Denmark. Tha na Stàiden deonach an ceannach, agus tha Denmark, a reir coltais, deònach an creic, oir tha iad fad air falbh uaipe, agus ro-chosdail chi. Ach cha’n eil muinntir nan eileanan fhèin idir toileach an iomlaid a bhi air a deanamh; tha iad air son fuireach fo bhratach an dùthcha, agus cha’n eil iad air son a bhi air an creic ri dùthaich eile. Tha an t-Urr. Uilleam A Moireastan, a fhuair cead searmonachaidh bho cklèir Bhoston air a’ mhios s’a chaidh, an deigh gairm fhaotainn à Graniteville, Vermont, agus tha e ri bhi air a phòsadh ris an eaglais an sin air a choigeamh latha deug dhe’n mhios so. Tha Mr. Moireastan a mhuinntir an eilean so, agus tha moran timchioll so eòlach air. Is e coithional Gàidhealach a tha e faotainn, anns am bi aige ri Gàilig a shearmonachadh na h-uile Sàbaid. Tha sgeul neònach a tighinn a Michigan mu thuathanach a tha fuireach ann an àite ris an canar Kalamazoo. Bha e aon latha o chionn ghoirid am mach aig ’obair ’nuair a thainig sgaoth fhitheach ’sa thug iad an sàs ann. Thainig daoin’ eile ’ga chuideachadh, agus an deigh ochd air fhichead dhe na h-eòn dhubha ’mharbhadh, fhuair iad càch fhuadach air falbh o’n duine bhochd a theabadh ithe beò leotha. Tha sgoilean a bhaile air an domhlachadh gu mor o thoiseach na bliadhna so. Thatar a nise bruidhinn air tigh-sgoil’ ùr a chur suas anns am bi farsuingeachd gu leòr air son na tha de chloinn ’sa bhaile. Tha triuir de luchd-teagaisg ùr ri bhi air am fasdadh toiseach an fhoghair, agus tha iadsan a tha teagasg cheana dol a dh’fhaotainn barrach tuarasdail. Tha mile dolair ri bhi air a chosg a’ càradh tigh na h-ard-sgoil, agus coig ceud deug dolair air son an taighe-sgoile tha faisg air a’ Phier a mheudachadh. Tha tuathanaich Mhanitoba faisg air bhi ullamh de chur a chrithneachd. Tha an t-side gle bhriagha, agus tha ’n aimsir nas tràithe na bha i anns an rionn sin o chionn iomadh bliadhna. Dhe’n cheud reiseamaid a chuir Canada do dh’Africa Deas, faisg air aona ceud deug duine, cha’n eil a nise comasach air airm a ghiùlan ach seachd ceud ’sa coig deug. Mharbhadh da fhichead, chaochcil cuid le tinneas, agus tha càch nan laidhe tinn, cuid air an leòn agus cuid air an claoidh leis gach cruadal troimh ’n deachaidh iad. Thathas a nis air fhaotainn a mach gu bheil moran de bhoirionnaich anns an arm Bhoerach, air an éideadh ann an deiseachan fhirionnach, a giùlan arm, agus a cogadh cho math ri cach. Tha e air a radh, gu dearbh, gu’m b’ iad gu tric a bha ris na gniomharan a b’fhuileachdaiche ’sa b’an-iochdmhoire bha air an deanamh leis na saighdearan Boereach o’n thòisich an cogadh. Thugadh ruith mhillidh air sinagog nan Iudhach ann an Ottawa Di-donaich na Càisge. Bha coignear ghillean air an glacadh ’s air am feuchainn air a shon. Fhuaireadh ciontach iad, agus chuireadh umhladh orra—leth-cheud dolair air gach fear; mur pàigh iad sin gheibh iad sia miosan dhe’n phriosan. ’Se ’s docha nach cuir iad an còrr dragh air na h-Iudhaich no air an tigh-aoraidh. Chaid an soitheach Favourite a bha air a turus gu Sidni, air tir aig Tracadie, mu fhichead mile bho Antigonish Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’fhàg i Georgetown, P. E. I., le luchd coirce ’s buntàta, Di-màirt, agus mu’n d’rainig i cladach Nobha Scotia dh’fhàs i ao-dionach; cha’n obraicheadh na pioban-taomaidh, agus b’ fheudar do’n sgioba a fàgail. Bha aon duine deug air bòrd; fhuair iad uile as le’m beatha. An deigh a fàgail chaidh i ’na mirean air a chladach, agus chailleadh an luchd gu h-iomlan. Bha teinne mor ann am baile Hull a sheachdain gus an dè; bha a chuid bu mhotha ’sa b’fhearr dhe’n bhaile air a sguabadh air falbh gu buileach, a’ fágail da mhile dheug sluaigh gun dachaidh. Tha an call air a mheas aig coig muillein deug dolair; am measg nan togalachan eile chaidh a losgadh, bha muillnean-paipear Eddy, na muillnean a’s motha dhe’n t-seorsa bha ’n Canada. Tha Hull ann an roinn Chuebec, direach mu choinneamh Ottawa, air an taobh eile dhe’n amhuinn. Tha ’n sluagh a chaill an dachaidhean gle fheumach air cuideachadh, agus tha moran de bhailtean na dùthcha an deigh suimeannan airgid a chur cruinn air an son cheana. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seachad air riabh. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. SYDNEY CASH STORE. Cuim-Leintean, Iochdair, agus Deiseachan Do na Mnathan. Deiseil gu’n cosg, aig J. C. MILLS, Sidni. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Tha comhairle na siorrachd a’ dol a chur na Scott Act air obair air an t-samhradh so. Tha an duine aig am bi a chùis an làimh ri bhi air a shonrachadh am màireach. Tha e gle iomchuidh do uaislean na comhairle sin a dheanamh, bhiodh e nàrach cùisean a leigeil air adhart mar a tha iad aig an àm so. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. B [TD 310] [Vol. 8. No. 39. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 307.) no glamhus, fada suas anns na cnoic, agus gun doigh air faighinn a stigh ann ach air aon slighe, agus sin féin cho doirbh ’s nach b’ urrainn duine ach neach a bha eòlach an gnothach a dheanamh air faighinn ann. Bha e soilleir gu robh am fear a tha sinn a leanailt aig an àm so min eòlach ’s an t-slighe. Sthreup e suas an daingneach a chuir nàdur a dhunadh a ghlamhuis, le ceum luath ach cinnteach; ’n uair fhuair e air mullach a chnapstarra so, agus mu’n do theann e ri teirneadh an taoibh eile dheth, thug e fideag ibhri á luib a bhreacain agus rinn e fead ghoirid leatha. Na ’n do chum e air adhart gun a rabhadh so a thoirt seachad bha bheatha ’n geall na b’ fhiach i; oir bha fear-faire le ghuna làn am falach anns na preasan, deis airson grad losgadh air neach air bith a thigeadh air an t-shlighe ’s nach tugadh sanais gu’m bu chairid e. Air dha ’n fhideag a sheinn, chum an duine ma bheil sinn a bruidhinn, gun feitheamh ri freagairt oir cha robh freagairt riatanach, air leum sios do’n ghlamhus, a leum bha sgor gu sgor mar ghabhar air a ruagadh, agus a bheatha gu tric an earbsa ri làn a dhuirn do phreasan, a bha fàs a mach eadar na creagan, ris am biodh e ’n dràsda ’s a rithisd ga chrochadh fein mar a bha e ’dol sios gu grunnd an t-sluic. ’Nuair a fhuair e gu grunnd an t-sluic chum e air gus an d’rainig e a mhiadhoin agus dhirich e suas ri taobh na glaic gu tom dlùth do phreasan a bha fàs ann. A ruigheachd so, chuir e na geugan an nunn ’s a nall ’s ghabh e stigh do dh’ uamhaich a bha a dorus dorch air fhallach leis na preasan. Ga leantainn a stigh a so, chi sinn fear-iùil an luchd turais a ruigheachd seòmar mor far am bheil teine mor mòne na mheadhon air seòrsa do dh’ obair chlachaireachd, agus ma thiomchioll am bheil ’nan suidhe naoidh na deich do dhaoine. An sud ’s an so ri balla ’n t-seòmair chitear claidheamh mor, ann an oisin thall ’s a bhos tha dun de bhreacain ’s de bhonaidean. Rud eile bheir sinn fainear. ’Se sin aireamh de cheathrannan de mhairt-fheòil agus charcaisean de fheòil chaorach uile deis airson a chòcaire. Cha’n urra sinn mearachd a dheanamh a thaobh coltas an àite na nan daoine th’ ann. ’S e gairidh de spuinneadairean Gàidhealach a th’ann. ’S ann air seòl àiride fuar a dh’ fhàiltich an comunn a bha ’s an uamhaich am fear a thainig a nis a stigh ’nam measg; bha e sealltainn eadhon ni bu nochdta leis an eadar-dheallachadh a bha ’s an dòigh anns na chomhallaich esan a thainig a stigh iadsan agus iadsan esan. Bha esan cridheal agus reiteachail, iadsan gruamach doicheallach. “Cha’n ’eil nead na h-iolaire a nis an sgor na creige,” arsa fear, “s’ann a tha i ann an iadh-lann an t-shabhail.” “Ud, ud, tha fiadh an deigh a bheinn a threigsinn agus dol an cuideachda nam muc,” arsa fear eile. “Tha mi g’ur tuigsinn a chàirdean,” ars am fear a thainig, “Cha’n eil seibh toilichte leis na tursan seachrannach so air am bheil mis a dol. Tha sibh a smaointean gu’m bheil mi ’n deigh caltachadh sios mar chreutair coltach ri ceannaiche na figheadair agus theagamh gu’m bheil sibh ceart, air doigh, ach cha’n urra mi chuideachadh. Tha mi ag aideachadh gu bheil uile thabhachd mo nàdair uile fhaireachdainean mo chridhe, an deigh atharrachadh gu tur, araon, ann an gne ’s ann a riaghailt. Air chinnt cha ’n e an aon duine th’ annam. Tha mi ’ga fhaireachdain, agus mar sin tha mi faireachdain nach eil mi ni’s fhaide freagarrach airson a bhi na ’m cheannard oirbhse.” “A Mhic-a-phearsain,” arsa fear do na daoine, “tha thu tuigsinn pàirt dhe’r faireachdainean, ach cha eil an t-iomlan. Tha anns na faireachdainean so air a chuid is lugha urrad do chùram a thaobh do thearuinteachd féin, air na tursan amaideach so, ’s a tha de mhi-thoileachadh mu d’ dhearmad oirnne agus air ar gnothach. Tha fios agad gu’m bheil gaol againn ort a Mhic-a-Phearsain, oir se do lamhsa lamh fhosgailteach fhiallaidh—s’i do lamhsa nach deach a thogail riamh ann an corruiche an aghaidh a neo-choireich no neach lag, agus nach deachaidh riamh a dhùnadh air an fheumach.” “Cha deachaidh, taing do Dhia,” ars esan a chaidh mar so a chliuthachadh, “air a mhiad is a rinn mi de dh’ olc cha robh cuid agam ri dortadh fola. Cha d’rinn mi dochann riabh air pearsa duine agus cha dean mar a tig orm a dheanamh ann am fein-gheard. Ni mutha is urrainn do bhochd a radh gun do leig mi riabh air falbh e falamh. Ach, a chàirdean,” ars esan, “cha’n eil a so ach bruidhinn chianail. So, nach fiach sinn ri rudeigin is sunntaiche na so, agus ar-leam gun toir mi féin am folais e.” Air dha so a radh chaidh e gu oisinn na h-uamhadh gu ciste mhor a bh’ ann. Dh’fhosgail e i agus thug e mach fiodhull. Bidh fidheall dhe’n d’ rinn e roghainn a bh’ ann agus bu mhath na làmhan anns na thachair i. (Ri leantuinn.) Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Men often dress in bad taste without knowing it. If you wear Shorey’s Clothing you cannot be otherwise than correctly dressed. Shorey’s 4 Button Sack Kilmarnoc Tweed Suits, Retail at $12.00. They are as good as any one wants for a business suit and better than you can get to order for $20.00. Sold only by the best dealers, and guaranteed in every particular. Not made to order, but made to fit. [TD 311] [Vol. 8. No. 39. p. 7] Am Biobull. Tha ’m facal “Biobull’” a’ ciallachadh, “an leabhair.” Is e an leabhar a tha os cionn gach leabhair eile, do bhrìgh gur ann a tha cunntas air a thoirt dhuinn mu thimchioll obair a’ chruthachaidh, obair an fhreasdail, agus obair na saorsa. Ach ged a theirear “an leabhar” ris, tha e air a dheanamh suas de thri fichead leabhar ’s a sia. An àm dhuinn a bhith ’labhairt mu ’n Bhiobull, bidh sinn gu tric ag iomradh air na leabhraichean dhe ’m bheil e air a dheanamh suas, mar a tha “Coig Leabhraichean Mhaois;” “Leabhar nan Salm;” “Leabhar nan Gnathfhacal;” “Leabhar nan Gniomharan;” “Leabhar an Taisbeanaidh,” agus mar sin sios t-àm anns an do sgrìobh Maois na “Coig leabhraichean,” agus an t-àm anns an do sgriobh Eoin an Diadhair “Leabhar an Taisbeanaidh.” Anns an ùine sin sgrìobhadh an tri fichead leabhar ’s a sia le daoine dhe gach inbhe, anns na dearbh amannan anns am faca Dia iomchuidh a Spiorad a dhòrtadh air gach fear dhiubh fa leith. B’iad na daoine a sgriobh fo stiùireadh an Spioraid, luchd deanamh laghannan, priomh-athraichean, luchd-cogaibh, fàidhean, sagairt, rìghrean, luchd-riaghlaidh rioghachdan, buachaillean, cìs-mhaor, lighichean, luchd-ceairde, iasgairean, agus mar sin sìos Sgriobhadh e ann an tri chanainean—Eabhra, cainnt nan Caldeach agus Greugaisg. Deas Fhreagairtean. Tha e air aithris gu ’n robh dithis bhraithrean, agus an dara fear da’m b’ ainm Iain no Eoin fo’n ruaig air son ni eigin a rinn e as an rathad. Cha robh neach a lathair a dh’ aithnicheadh e ach a bhrathair fhein; agus bha ’m brathair sin air a mhionnachadh gu ’n innseadh e air, no gu ’n comharraicheadh e mach a bhrathair do’n luchd torachd nan tigeadh e ’s an rathad. Air dha ’bhrathair fhaicinn a tarsuinn air falbh ann an eathar’ sheinn e an rann a leanas; oir bha e air son a mhionnan a choimhlionadh gu ’n a bhrath. Agus air dhoibhsan smuaineachadh gu’n robh e faicinn fhaoileagan no eoin eile de ’n t-seorsa, cha d’ chuir iad umhal ’s am bith— “Chi mi e ’s cha cheil mi e, ’S air mhile bonn cha bhrath mi e, Chi mi Eoin a snamh air sruth, Sud agaibh e, ’s beiribh air.” Bha duine a bha ro theoma air guidheachdan a falbh an rathad ann an carbad. Chuir clach a bha ’s an rathad, maille air a charbad aige. Ghlaodh e ri seann duine a bha goirid uaithe; “e thogail na cloiche, ’s a tilgeil a dh’ ifrinn.” “Cha tilg” ars an seann duine, gu socair, ’s e ga togail ’s ga tilgeil a leith-thaobh, “air neo nan tilggeadh, dh’ fhaodadh i bhith rithisd na do rathad.” Mur eil iuchair anns gach pasg puind, cha’n e’n fhior Union Blend Tea a th’ann. Mairi, Nighean Iain Bhain. Bu bhan Domhnullach i a rugadh anns an Eilean Sgiathanach ’sa bhliadhna 1821. Phòs i greusaiche d’ am b’ ainm Mac-a-Phearsoin, an am baile Ionarneis. Chaochail esan ’sa bhliadhna 1871, ga fàgail le ceathrar chloinne. Dh’fhàg i Ionarneis agus thàinig i do Ghlaschu far an do thog i a teaghlach. Chaidh a bàrdachd a chlo-bhualadh ’sa bhliadhna 1891. Rinn i aon òran a tha fior thaitneach, gu sonraicht, do no Sgiathanaich. EILEAN A’ CHEC. Ged tha mo cheann air liathadh, Le diachainnean is bron, Is grian mo leth-chiad-bliadhna ’Dol sios fo na neòil, Tha m’ aigne air a lionadh Le iarratas ro mhor, Gu’m faicinn Eilean Sgiathach Nan siantanan ’sa cheò. Tha corr ’s da fhichead bliadhna, Bho’n thriall mi as ga m’ dheoin, ’S a chuir mi sios mo lion Ann am miadhon baile-mòir; ’Ns ged a fhuair mi iasgair A lion mo thigh le stor, Cha d’ dhi-chuimhnich mi riamh Eilean Sgiathanach a’ cheò. Ach co aig a bheil cluasan, No cridh tha gluasad beò, Nach seinneadh leam an duan so M’ an truaigh a thàinig òirnn? Na miltean a chaidh fhuadach A’ toirt uath an cuid ’s an coir, A’ smuaintean thar na cuantan Gu Eilean uaine cheò. Beannachd leibh, a chairdean Anns gach ceàrn tha fo na neòil Gach mac ’us nighean màthar, A Eilean àrd a’ cheò; Is cuimhnichidh sibh Màiri, ’Nuair bhios i cnàmh fo’n fhòid— ’Se na dh’ fhuiling mi de thàmailt A thug mo bhàrdachd beò. Guidh a’ Ghaidheil. Thuirt Gordonach leointe, a tha air pilleadh air ’ais o’n Aifric mu dheas d’a dhachaidh an Earraghaidheal, gun do chruinnich moran de na saighdearan an ceann a cheile air uairibh, anns an fheasgar, airson aoradh a dheanamh, agus buidhhachais a thoirt do Dhia. Aig cruinneachadh àraidh taobh Abhainn Mhodder, thuirt saighdear a bha a deanamh urnuigh ann an Gàillig—“O, Dhia, mur bi thu leinn ’s an stri, na bi ’nar n-aghaidh co dhiu, ach fàg eadar sinn fhein ’s na Boerich e.” Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C.B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries, Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B [TD 312] [Vol. 8. No. 39. p. 8] Oran a’ Cheilidh. LE NIALL MAC GILLEAIN, AN TIREADH. SEISD.— Ill a horinn hug ’us horinn ’S mi tha coma de their cach ris, ’S toigh leam fhein bhi anns a’ cheilidh ’G eisdeachd sgeulachdan ’sa’ Ghaidhlig. Bith ’dh iad leinn a Eilein Leodhais Siol non daoine coire baigheil, Far am faigh an coigreach biadh ’Us far nach d-iarradh riamh air paidheadh. Ged tha na h-Earradh creagach ciar, G’ an dean chuid nighnag sniomh ’us cardadh ’S ainm an diugh dhiubh feadh an t-saoghail ’S cuid de’n aodach air a bhan-righ. Bith ’dh iad leinn ’o dha cheann Uidhite Tir a’ mhuirein ’s tir na h-airidh, ’S iomadh gruagach bhanail bheusach Bhiodh air feil ’o Loch a’Charnainn. Bith ’dh na Sgiathanaich o’n tuath ann, ’S fallain uasail fuaim an canain, ’S fagaidh mis’ an cliu oirr’ sgriobhte, Aig an linn nach deachaidh arach. Bith ’dh na Rumaich leinn ’s na Canaich Eigich ’s Rathasaich gu’n aireamh, ’S Mucanaich o’n Eilein iosal ’Sheasamh dileas taobh na Gaidhlig. Sliochd nan laoch o’n Eilein Cholach ’S tric fhuair onoir anns na blaran, C’ait an cualas riamh orr’ cunntas Far an d-thug iad cul ri namhaid. Bith ’dh iad ’o Mhuile nan craobh ann, Innis nam ba-laoigh ’s nan Ard-bheann, ’S fhurasd’ aithneachadh air an snuadh Nach b ann mu bhruaichean Chluaidh a dh’ fhas iad. Bith ’dh iad leinn o chriochan Dhiura; Sliochd nan diulnach ’stuireadh bata Cul an cinn mar sgiath an lon-duibh ’S an gruaidhean mar ros an garadh. Bith ’dh na Finnich ann an toir oirr’ Sgriob am poig air fear no dha dhiubh S iomadh rud a dh’ fhaotainn innseadh ’Ghaol na sith gum bi mi samhach. Bith ’dh iad ’sa cheilidh leinn gach oidhche Cailean grinn a seinn nan dan dhuinn ’S cuid aca nam buill de ’n Chomunn Taobh Lochodha chaidh an arach. Cha di-chuimhnich mi ’n t-eilein uaine A’ siar ’s a tuath an Earraghaidheal ’Ged nach fhasadh craobh a’m’ dhuthaich Gheibht ann flur nan cailean Gaidhealach. A chuid mhac cho fallain fuasgailt Cha do sheol a Cluaidh ’thug barr oirr’ ’S bhuinig fear dhuibh ’n reis a “China” ’Choisinn cliu do ’n tir a dh’ fhag e. Leanaibh dlu ri cliu ’ur sinnsre, Seasamh dileas taobh ’ur canain, ’S mor a chulaidh-phrois ’us uaill dhiubh ’Nuair their sluagh gu’m bheil sibh Gaidhealach. Chaidh fear a mhuinntir Newfoundlnnd, Uilleam Lynch, a mharbhadh aig làrach na h-obair iaruinn Di-satharna ’sa chaidh. Bha e fhein us daoin’ eile ag obair timchioll nan carbadan; agus dh’fheuch esan ri dhol tarsuinn fodhpa, ach mu’n d’fhuair e thairis ghluais fear de na carbadan, agus bhuail te dhe na cuidhlichean ’na cheann ’ga mharbhadh air ball. Cha’n eil coire ri chur air neach sam bith a thaobh an sgiorradh. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dec. 8,’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. [TD 313] [Vol. 8. No. 40. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAY 11, 1900. No. 40. Litir a Ceap Nor. An dhigh an droch cliù a thug “Iain” air na leisgeulan ann an aon d’a litrichean, ’s gann a dh’fhaodas mi innseadh de bu choireach nach do sgriobh mi gu MAC-TALLA air a mhios s’a chaidh. Bha MAC-TALLA tri seachduinean gu’n tighinn a mach idir, air chor ’s gur beag nach d’thug cuid againn suas an dùil ri aghaidh shuilbhir fhaicinn gu bràtb tuilleadh. Thainig e co-dhiu, agus b’e ’luchd-leughaidh a rinn an togail ris. Anns an àireamh mu dheireadh de’n mhios s’a chaidh tha òran do’n Transbhaal le bean Fhearchair Bheutoin, ’s an Iar Thuath. Is piuthar do Iain ise, agus tha sinn duilich gu bheil aobhar aice air a bhi cho muladach a chionn nach robh duin’ idir dlùth dhi “a thogadh, no thuigeadh, no sheinneadh an dàn.” Cha’n ann mar sid a bhiodh nan robh a crannchur aice ’s an àite so. Ann an so tha chuid is lionmhoire dhinn a fantuinn cho Gáidhealach ’s a bha sìnn riamh. O nach ’eil muilleann-luaidh an àite ruigheachd oirre anns a’ gheamhradh, tha chuid mhor de’n chlò air a luadh air a chliath-luaidh mar a b’abhaist. Eadhon a nis fein cha’n ainmig a chithear an oigridh a’ dol seachad nan deann am beul na h-oidhche, a dh’ionnsuidh nan luadh, ’s iad cho sona ’s ged bhiodh am fortan saoghalta cinnteach dhoibh ma’s till iad dhachidh mu’n mheadhon-oidhche. ’Sann an sin a bhios am fuaim air luadh a chlò an trath gheibh na h-òganaich agus na gruagaichean suidhe sios air gach taobh de’n chléith, ’s iad le’n uile chomas a seinn òrain nuadh agus sean, a bheir air na deòir a bhi sileadh o shùile nan aosmhor, le bhi toirt gu’n cuimhne iomadh atharrachadh doilgheasach a ghabh àite ’s an tim a dh’aom. ’S iongantach agus is brònach an ni gu bheil iomadh aon dhiubhsan a sheinneas òrain de’n t-seòrsa ud, nach cluinnear aig àm sam bith a’ deanamh comhnadh ri seinn sailm Dhaibhidh ’s an aoradh fhollaiseach. Ged tha moran a fantuinn cho Gàidhealach ’s a thuirt mi cheana, ’s gann nach faighear cuid a Ghàidheil anns gach àite a tha cho mor asda féin ’s gur h-i an fhior eiginn a bheir orra smid Gàidhlig a labhairt aig àm sam bith. Tha iad ag amharc oirre mar chainnt nach fiù, ged nach robh i riamh an eisiomail chainntean eile, mar bha chainnt Ghallda da’m bheil iadsan a toirt a leithid a spéis, ged is cearbach a labhrar i le moran dhiubh. Ged bha geamhradh briagh againn, cha’n eil an t-earrach idir cho blàth ’s a bu tric leis a bhi, agus air a mhaduinn an diugh tha mu throidh de shneachd ùr air an talamh. Tha Alasdair Domhnullach, a chaill a’ bhean agus a thriùir chloinne o chiònn da bhliadhna, agus a bha uaithe sin air chuairt anns na Stàidean, air tighinn dhachaidh o chionn ghoirid, agus e’n droch shlàinte. Tha sinn an dòchas, le atharrachadh earrain-saoghail, agus meadhonan eile bhi air an cleachdadh gu’m bi e fhathast air aiseag gu ’shlàint àbhaistich. Air maduinn a bhon-de rainig Iain mor Mac-a-Phearsain agus naoinear dhiùnnlach eile nach ruigear a leas ainmeachadh, tigh Alasdair, agus a dh’aindeoin sileadh uisge agus sneachda, a thòisich mu’n mheadhon-la, as a sid cha rachadh iad gus na shàbh iad suas de dheadh chonnadh na dh’fhoghnas fad bliadhna. Ged tha so air a sgriobhadh mu na diùnnlaich so, cha’n eil sinn idir a di-chuimhneachadh truacantachd nan seòid a ghearr an connadh ud anns a choille ri fuachd a gheamhraidh. M. D. Ceap Nor, April 26, 1900. NA SPUINNEADAIREAN. (Air a leantuinn.) ’Ga shuidheachadh fein air sorchan àrd cloiche thòisich e air cluich nam port bu shunndaiche; ’s aig cho drùighteach ’s a bha chuid ciùil, cha b’ fhada gus na chuir e air falbh gach gruaim us mighean a bh’ air a luchd-éisdeachd; thainig aoidh us tlachd air na h-aodainn a bha titeadh beag roimhe sin fo mhùig us fo antlachd. An sàr-fhear-ciuil, a’ faicinn éifeachd a chiùil-ni, gu dearbh, a bha soilleir dha iomadh uair roimh sud—dh’ atharraich e nis fonn a chiùil, bhuail e air cluich gach caoin bu tiamhaidh a ghabhadh toirt na ’chuimhne, g’an cluich le blas us drùighteachd anabarrach. Ge b’ e ghabhadh beachd air aodann garg, grian-dhaithte nan daoine bha ag éisdeachd ann an dubh-shàmhchair ri pongannan àluinn na fidhleadh, chitheadh e ann am barrachd is aon sùil deòir gun sireadh, agus bha gach gnùis a sealltainn faireachdainean bàigheil le taladh a chiùil. Fa dheòigh sguir e chluich, ach aig cho làidir is a bha sian a chiùil bha greis a dh’ ùine m’an deach an t-shàmhchair a bhriseadh. ’Nuair a sguir an fear-ciùil a chluich, car eadar feala-dha is da-rireabh thug e’n fhidheal ’s dh’ fhàisg e ri bhroilleach i mar gu bu rud beò i, agus an sin, ghrad chaidh e agus chuir e gu cùramach i anns a cheist’ as an tug e i. Bu mhor an caochladh a thainig air a chùis air dha tighinn a nis nam meas seach mar a bha iad ’n uair a thainig e stigh an toiseach. Bha e soilleir gu robh fraoch an corruich gu tur air a thionndadh gu bàigh agus faoilteachas leis mar a bhogaich ’s a thalaidh a chuid ciùil iad. Bha nis caoimhneas air a nochdadh an aogas ’s ann am briathran gach aon air do’n fhear-chiuil tighinn agus àite ghabhail maille riutha gu pártachadh anns a bhiadh a bha ’nis deiseil airson iad ’ga ghabhail. A’ fagail nan spuinneadairean a’ còmhradh agus a’ gabhail an lòin so, a bha gu h-iomlan de mheann-fheòil bheir sinn air n-aghaidh air foillseachadh na diomhaireachd mu thiomchioll an fhir a dhùisg ar naigheachd dhuinn, ni bha sinn cho faiceallach air a chumail an cleith roimhe so. Cha b’e duine sam bith eile bha so, ma ta, ach am fear-reubainn ainmeil sin Mac-a-Phearsain. B’e an duine so, mar is math tha fios, mac diolain a bh’ aig duine uasal de theaghlach feir-fearainn shaoir ann an siorrachd Inbhernis bho bhan-fhiosaiche. Chaidh a thogail an tigh ’athar, ach air bàs ’athar thagair a mhàthair e, agus thug i leatha e; ’n uair a lean e comunn na cuideachda shior-fhalbhach so dha ’m buineadh e, ghnàthaich e ’n cleachdannan, gus air deireadh na cùise an d’ thainig e gus a bhi mar a dh’ ainmich sinn ’na cheannard air buidheann spuinneadairean. Bha thàlann agus a choimhliontachd thar tomhais, bha phearsa ’s aghaidh neo-chumanta briagha agus a neart d’a reir, is ged a bha ’dhreuchd an aghaidh lagha us ceartais, fhathasd, bha e do nàdur caoimhneil truacanta. Sin agaibh gearr-chunntas air ceann ar sgeòil—leannan Eilidh Mhàrtuinn, ged is beag a bha dh’fhios aig an nighinn bhochd cho mi-shona ’sa shocraich i a gaol. Do bhrigh nach eil gnothach againn ri dol na deanadas Mhic-a-Phearsain ’s a chuideachda rè na h-ùine eadar e ’dhealachadh ri Eilidh agus an t-àm air an robh aca ri coinneachadh—oir cha robh co-cheangal sam bith aig sin ri’r naigheachd—aisigidh sinn gun dàil thairis air an aimsir so gus an tig sinn ionns’ an latha air an robh aig Mac-a-Phearsain ri imeachd air an turas gu ionad na coinneimh. Cha do leig e rùn a bheachd is a dhòchais anns a ghnothach so ri neach sam bith ach aon charaid àraidh de’n bhuidhinn. B’e ainm an duine so Aonghas Siosal, mac fear-an-taighe anns na chuir an luchd turuis seachad an oidhche, mar a tha cuimhne agaibh, air dhaibh a dhol air seacharan anns a mhonadh. Bu duine òg am fear so, glé choltach na dhòigh ri Mac-a-Phearsain féin. Bha e cheart cho blàth-chridheach ’s cho dileas ris; ach bha thalann ’s a dhreach fad air deireadh air. A’ gabhail cothrom ’n uair nach robh gin de chàch an lathair dh’ innis Mac-a-Phearsain do’n fhear so gu robh dùil aige dol do Bhanff air an fheasgar sin a rithisd. “Tha thu as do rian,” ars’ Aonghas, “buileach glan as do rian. Cha ’n urrainn e bhith gu bheil thu toirt fa-near an cunnart anns a bheil thu ga d’ thiligeadh féin, air na tursan eagalach sin air a bheil thu dol, air a bhi air do ghlacadh. ’Se rud is faisge air miorailt a th’ ann gu’m bheil thu tearnadh.” “Cha’n eil cùram, Aonghais,” arsa Mac-a-Phearsain, ’s e ’n làn earbsa as a neart ’s as a thapachd. “Rinn mi nithean bu dalma na so na m’ latha air reusan moran bu lugha; agus,” ars’ esan, gu h-uaibhreach, faigheam ceartas, Aonghais, mo chlaidheimh mor am laimh, ’s cha ’n eil sia daoine ’m Banff a ghlacas Seumas Mac-a-Phearsain beo.” “Ach faodaidh iad a ghlacadh marbh, ged tha, ’Mhic-a-Phearsain,” ars’ Aonghas “agus is gann is urrain thu radh gur e tearnadh a bhios an sin, tha mi smaointinn.” “C’arson nach gabhamaid toileachadh na tinn a th’ againn—’Se amaideachd a chur seachad gus a màireàch,” fhreagair Mac-a-Phearsain, ’se toirt buille dhe làimh le fealla-dha air guallainn chairide, “A mhìc-a-chridhe, Eilidh Mhartuinn feumaidh mi fhaicinn, agus Eilidh Mhartuinn ni mi fhaicinn, biodh an cunnart mar a bhitheas e—O, ged a bhiodh ròpa crochte ris a h-uile craoibh eadar so ’us Banff agus lub-ruith air gach aon dhiubh air mo shon. “Air a char is lugha leig le triùir na cheathrar againn falbhadh chuideachd an earralas gu’m faod tub- [TD 314] [Vol. 8. No. 40. p. 2] isd éiridh am mach,” ars Aonghas. “Cha deid, cha deid, aon duine, Aonghais,” arsa Maic-a-Phearsain, “cha deid beatha neach sam bith ann cunnart na ’m aobharsa ach mo bheatha féin. Ma thachras mi-fhortan ’s ann dhomh fhein, ’s e mi fein a mhain a dh’ fheumas duais mo ghòraich a hioladh. Cha leiginn beatha coin an cunnart gun ghuth air do bheathasa ’na leithid so de chàs. Ach their mi so riut,” ars’ esan, “feumaidh tu gealltannas a thoirt dhomh Aonghais.” “Ciod e sin?” ars am fear eile. “Tha,” fhreagair Mac-a-Phearsain, “ma theid mise ghlacadh, agus sin beò, ni thu do dhiochioll air an fhidhioll a thoirt ugam ge b’e àite ’n teid mo chur.” “Is annasach an t-iarratas a tha thu deanamh,” ars an Siosallach us fiamh gàirair; ach tha mi gealltainn gu’m bi sin deante o tha thu ’ga shireadh.” “Ma ta, se sud m’ iarratas,” arsa Mac-a-Phearsain. Leis a so sguir an seanachas eadar e fein agus a chairide; agus goirid na dheigh sin an deigh dha e fein a chuir fo làn armachd thriall e na aonar air a thurus cunnartach. Mu’n d’ fhag e’n gleann bha ghrian cheana air a dhol sios fad anns an iar; a gathainn a dealradh gu boisgeil air na beanntan ’s na creagan a bha coimhead ris an àirde ’n iar. Bha taobh eile nan cnoc agus nan gleann a tarruing duathar an fheasgair. Ach mheas Mac-a-Phearsain an ùine ’s an t-astar gu freagarrach. Bheireadh tri uairean dhe choiseachdsan e ionns an àite ’n robh e ri ruigheachd. Bhiodh an uair sin an dubh-thràth ma dhorcha. Agus bha sin mar sin a h-uile turus a thainig e ann. ’N uair a rainig e’n t-àite-coinneimh ainmichte cha robh Eilidh air tighinn. Mar sin, shuidh e air tolman uaine bha air a chuartachadh le preasan dlùth, a’ feitheamh ri teachd. A’ fàgail Mhic-a-Phearsain bhuainn car tamùll bheir sinn aire ’n aire gu gnothach nach robh dad do fhios aige san ma dheidhinn ged a bha’n gnothach roimh-orduichte gu tur ma thimchioll. Chaidh fhaicinn agus aithneachadh. Iadsan—oir bha dithis ann—a fhuair am mach e, lorgaich iad an spuinneadair neo-shealbharra thun an ionaid anns a robh e ri coinneamh a chumail ri Eilidh; ’n uair a chunnaic iad e stad ann a sin, chaidh fear dhiubh gu grad a thoirt an fhios thoirteil so do’n t-siorram am feadh a dh’ fhuirich am fear eile ’cumail faire air an neo-amharasach mhi-shona. ’N uair a rainig a chiad fhear an Siorram “Ciod a’ bheireadh sibh a Mhr. Sìorram,” ars’ esan, “arson fios fhaotainn air a cheart bhad anns am bheil am fear reubainn, Mac-a-Phearsain air a mhionaid so?” “Cha mhor sin a dhuine,” ars an Siorram, “ni ’s lugh na bhiodh e ann an suidheachadh a bhiodh e coltach gu’m b’ urrainn mi ghlacadh. Bha fiosam féin far an robh e ciad uair ach cha robh chridhe agam beantuinn dha.” “Ach tha mise ciallachadh mar tha sibh ag rathainn, tha mi ciallachadh ann an suidheachadh ’s gu ’n gabh e glacadh gu furasda,” ars an duine. “Tha fiosam far am bheil e air an dearbh mhionaid so, agus sin na ònarachd gun aon duine maille ris.” “Tha!” fhreagair an Siorram le mor aoibhneas, oir b’e ard-mhiann fada roimhe sud greim fhaotainn air Mac-a-Phearsain. “C’àite, c’àite’ bheil e, dhuine?” ars esan le boile. “Faigheam leth-dusan duine fo làn-armachd maille rium,” ars’ an brathadair, “agus air son leth-chiad mairg ni mi priosanach dhuit dheth.” “Daoine!” deir an Siorram le gairdeachas, “Is leat na tha thu sireadh de dh’ airgead glan air a mhionaid a chuireas tu Mac-a-Phearsain fo ’m smachd-sa; agus an àite leth dusan duine, gheibh thu lan dhusan agus mi fein air an ceann. Am bheil e fad as?” “Cha ’n ’eil thar mile.” “Na ’s fhearr, ’s na ’s fhearr,” ars an Siorram, ’s e suathadh a làmhan le mire. “Ma ghlacas sinn e, cha d’ rinneadh gniomh ni b’fhiachaile an Albainn o chionn iomadh bliadhna. B’ fhiach e mile mairg ’s a bhliadhna do shiorrachd Bhanff fhein.” Ann ni bu lugha na coig mionaidean-deug a dh’ ùine an deigh a chomhraidh so bhi seachad, dh’ fhaodte iorghaill us drip fhaicinn mu sheann tigh-cùirte Bhanff. Bha so aobharanchadh le àireamh dhaoine agus an Siorram nam measg, nan cabhaig a rannsachadh tigh nan arm airson gach ball airm a b’ fhearr na chéile a h-uile fear a taghadh dha fhein agus ’ga chuir fein ann an òrdugh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Cha robh an taghadh, an deigh sin, do na h-airm. Cha robh ’s a chuid bu mhotha dhiubh ach seann tuaghannan meirgeach Abrach agus beagan de chlaidhean nach robh dad ni bu lugha meirg a bha air an cumail airson riaghailt’ us geard air amannan araid, uair airson gàirdeachais is uair arsan coigaidh. ’N uair fhuair a bhuidheann iad fein aramachadh, chaidh an tarruinn ann an òrdugh aig aghaidh an taighe, chuir an Siorram e fein air an ceann agus thug e an t-òrdugh meirseadh; agus ghluais iad air treòireachadh an fhir “a bha thall ’s a chunnaic is a thainig a nall a dh’ innis.” ’Nuair a chaidh iad mu mhile air aghart thug am fear so òrdugh dhaibh iad a stad, agus a toirt an t-Siorraim a dha no tri cheumannan air adhart sheòl e dha an t-àite anns na dh’ fhàg e Mac-a Phearsain agus a reir mar a dh’ innis am fear faire, a bha nis air tighinn nan còmhail, gu robh e ann fhathast. Chaidh comhairle shuidheachadh a dh’ fheuch de’n seòl a b’ fhearr a ghabhail gus cur ris a chulaidh-eagail, gniomh nach robh air a chunntas aon chuid soirbh na sabhailt dhaibhsan a bha ’nis ’ga rùnachadh; oir bha fios ac’ uile air a neart ’s air a mhisnich airson a robh e sònraichte. Bha Mac-a-Phearsain anns an àm chranda gun amhrus sam bith air a chunnart anns an robh e, na shuidhe gu socrach air an tolman uaine far na dh’ fhàg sinn e. Cha do nochd Eilidh fhathasd, agus bha esan ga neo-umhailleach a tarruing sgrioban anns an talamh le barr a chlaidheamh ’nuair a chaidh maoim a chuir air le fuaim a dh’ fhairaich e measg nam preas mar a dh’ fhairich e uair roimhe. Leum e air a chois, spion e daga as a chrios le laimh dheis, sheas e a feitheamh ris a ni bha e nis a’ faicinn ’s a cluinntinn. Bha an upraid air feadh nam preas a’ dol ni bu mhotha, dh’ fhosgail na preasan o cheile agus ann an tiotadh de b’ iongataiche leis na a charaide Aonghas a bhi ’na sheasamh air a bheùlthaobh. “Aonghais!” ars’ esan, le guth iosal ’s le mor ioghnadh. “Uist, uist!” ars’ Aonghas, ’s e glacadh a chairide air laimh, “na can smid. Ann an coig mionaidean bidh tu air do chuartachadh. Chaidh d’ aithneachadh ’s do lorgachadh. Tha dusan de dhaoin’ an t-Siorram mar uidhe coig ceud slat dhuit, a suidheachadh rib’ arson do ghlacadh. Biodhmaid a mach cho ealamh ’sa ghabhas deanamh, a Mhic-a-Phearsain,” ’s e ag asluchadh an fhir eile leis. “Ma ni sinn am baile dheth aon uair, faodaidh sinn tarrsuinn as. ’S àithne dhomhs’ àite falaich ann.” “Seadh, ach Eilidh, Eilidh, Aonghais!” arsa Mac-a-Phearsain, ’s e fuireach air ais, ’s a cur an aghaidh oidhirpean a charaid ’ga thoirt air falbh. “Amadain, amadain!” ars Aonghas, le boile, ’s e sior asluchadh an fhir eile air falbh. “Tiotadh beag de dhàil, agus tha, araon, thus’ agus mise ann an làmh anna nàmhaid is marbhtaiche” “Theid againn air comhrag a thoirt dhaibh, Aonghas.” “Deich uairean amadan!” ars Aonghas, ’s a chorruich a’ miadachadh. “Gun tugadhmaid comhrag do dhusan fear cho math air an armachadh ruinn fhéin!—agus a bharr air sin thoir fainear,” ars’ esan, “gu’m bheil thu ga’m thoirt-sa thairis dhaibh cho math riut fein.” “Ah, fhuair thu mi nis,” fhreagair Mac-a-Phearsain, “Cha’n fhaod sin a bhith; na leigeadh Dia!” Aig an dearbh àm sin chualas fead anns an preasan. “Tha iad air ar muin,” ars Aonghas, ’s e le aon leum a dol thar balla choig troighean a bha eadar iad ’s an rathad mor gu Banff. Air ball bha Mac-a-Phearsain as a dheigh, a tilgeadh a chlaidheamh air thoiseach air; chaidh e thar a bhalla eadhon ni bu chlise na ’chairide. (Ri leantuinn.) Tha e coltach gu ’n d’ fhuair Aguinaldo, ceannard na Phlippinos, bàs; cha chualas guth no iomradh air o chionn àireamh sheachdainean, agus ’si fharail nach eil e beò. Ma tha sin fios, ni e cisneachadh nan eilean nàs soirbhe do ann nan Staidean. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XV. Lean Dòmhnull agus Callum a steach do ’n choille an déigh an ainmhidh a leòn iad; ach ann an ùine ghoird chaidh e buileach glan as an sealladh. O ’n a bha e ’sileadh fala gu bras, bha iad comasach air an rathad a bha e ’gabhail a dheanamh am mach. Bha ’lethid de thoil aca gréim fhaotainn air ’s gu ’n do lean iad gu math fada steach do ’n choille air a thòir. Mu dheireadh chaill iad sealladh air an fhuil, agus cha robh feum dhaibh a dhol na b’ fhaide. An uair a bha iad air thòir an ainmhidh air feadh na coille, cha robh iad a’ faireachadh ha h-ùine ’dol seachad, agus idir cha robh smaointean aca air an rathad a bha iad a’ dol. Mar sin chaill iad an rathad. Thug iad greis air connsachadh mu ’n rathad. Ach cha robh iad dad na bu ghlice ’sgur na bha iad a’ tòiseachadh; oir cha robh fhios aig fear dhiubh co ’n taobh air an tugadh iad an aghaidh. Cha robh smaointean sam bith aca gu ’n deachaidh iad cho fad’ o ’n loch ’s a chaidh iad. Agus bha fhios aca na ’m faigheadh iad aon uair a dh’ ionnsuidh an locha, gu ’m faigheadh iad an rathad na dhéigh sin thun a’ chladaich. Mu dheireadh an uair a chunnaic iad nach deanadh e feum sam bith dhaibh fuireach na b’ fhaide ’n an seasamh far an robh iad, smaoinich iad gu ’m bu cho math dhaibh ceum a thoirt air falbh taobh eiginn; ach an uair a chaidh iad beagan air an aghart, bha ’choille cho tiugh ’s cho àrd ’s nach bu leur dhaibh a’ ghrian. Ann an dòchas gu ’n ruigeadh iad iomall na coille an ùine gun bhith fada, lean iad rompa; ach mar a b’ fhaide a bha iad a’ dol air an aghart, is ann bu tiuighe ’s a b’ àirde a bha ’choille ’fàs. Cha robh a’ bheag de chomhradh eatorra. Bha làn-fhios aca le chéile gu ’n deachaidh iad iomrall, agus bhuail an t-eagal iad. Ged a bha iad uair is uair a’ smaointean gu ’n robh an aghaidh air an taobh as an d’ fhalbh iad ’s a’ mhadainn, is ann a bha ’n cùl ris fad na h-ùine. Bha iad a’ sìor ghabhail air an aghart agus iad an dùil an dràsta ’s a rithist gu ’n tachradh loch no amhain riutha, no gu ’m faiceadh iad sealladh air a’ chuan. Ach mu dheireadh thuit an oidhche, agus cha robh aca ach feuchainn ris a’ bheairt a b’ fhearr a dheanamh dhe ’n bheairt bu mhiosa Ged a bhuail an t-eagal iad an uair a thuig iad gu ’n deachaidh iad iomrall, cha b’ eagal riamh e gus an d’ thainig an oidhche orra. Bha iad a’ smaointean gu ’m faodadh daoine fiadhaich agus fiadh-bheathaichean a bhith anns a’ choille, agus gu ’m faigheadh iad greim orra mu ’n tigeadh an latha. [TD 315] [Vol. 8. No. 40. p. 3] Ged a bha Domhull gu math na b’ òige na Callum, is e gu mòr a b’ fhearr ceann gu innleachd a dhealbh leis am faigheadh iad sàbhailte as na cunnartan ’s an robh iad. Thuirt e ri Callum:—“Innsidh mise dhut ciod a ni sinn. Fadaidh sinn teine math an so, oir tha pailteas de chonnadh faisge òirnn, agus cumaidh solus agus fàileadh an teine na fiadh-bheathaichean air falbh. Bha mise ’leughadh ann am fear de leabhraichean aig an sgiobair, gur e so an dòigh a’s fhearr sam bith gus na h-nilebhiastau a bhios anns a’ choille a chumail air falbh fod na h-oidhche. Thig iad ann an sealladh an teine, ach cha tig iad cha faisge oirnn ’s gu ’n teid aca air cron sam bith a dheanamh oirrn. Ma thig creutair sam bith faisge oircn a bhios air son dragh a chur, oirnn faodaidh tusa an gunna chur ris.” “Na ’m biodh dòigh againn air streap suas do na craobhan, is ann bu shàbhailte a bhitheamaid; ach tha mi faicinn gu ’m bheil na bunhn aca cho garbh ’s cho lom ’s cho àrd ’s nach ’eil e comasach dhuinn streap suas annta. Tha mi ’creidsinn gu ’m bheil e cho math dhuinn teine math fhadadh, agus feuchainn ris an oidhche a chur seachad far am bheil sinn,” arsa Callum. Ann an ùine ghoirid chruinnnich ’ad torr math de chonnadh, agus dh’ fhadaidh iad teine ri bun na craoibhe bu mhò a chunnaic iad dlùth dhaibh, agus shuidh fear aca air gach taobh dheth, air chor ’s gu ’m biodh e na b, fhasa dhoibh creutaìr sam bith a thigeadh an rathad ’fhaicinn, ge b’ e air bith taobh o ’n d’ thigeadh e. Cha robh comhradh sam bith eatorra fad ùine mhath, oir bha inntinn gath fir diubh làn do smaointeanan bruailleineach mu thimchioll na staid chunnartaich anns an robh iad. Mar a bha nàdarra gu leòr dhaibh, bha iad a cur coire orra fhein a chionn gu ’n deachaidh iad cho fada ’steach do ’n choille ’s gu ’n do chaill iad an rathad. A dh’ aon fhacal, bha mile smaoitean air nach biodh e feumail dhuinn iomradh a thabhairt, ag éirigh suas anns na h-inntinnean aca an uair a bha iad ’nan suidhe aig an teine. Bha ’n oidhche cho ciùn ’s cho balbh ’s gu ’n cluinneadh iad gu soilleir am fuaim bu lugha. Ach rè ùine mhath cha robh fuaim ré chluinntinn ach am fuam a bha ’n connadh a’ deanamh an uair a bha e ’gabhail anns an teine. Agus an uair a chnàmh an téine gu math, robh fuaim ri ’chluinntinn ach fuaim an analach fhein. Bha iad le cheìle ’smaointean gu ’n robh an t-àm aca tuilleadh connaidh a chur air an teine, ach cha robh fear seach fear a’ gluasad as a’ bhad ’san robh e ’na shuidhe, no ag ràdh facail. Ged nach b’urrainn daibh innseadh c’ar son, bha iad le ’cheile fo gheilt agus fo uamhunn mòr aig an àm. Ar le Domhull gu ’n cuala e fuaim air a chulaobh coltach ri fuaim a dheanadh anail beathaich. Thug e sùil thar a ghuaille, ach cha do mhothaich e do chreutair sam bith. Dh’ éirich e agus thilg e tuilleadh dhe ’n chonnadh air an teine. Agus an àite suidhe far an robh e riomhe, is ann a sheas e ri taobh Challuim, agus gun fhacal a ràdh, thug e fàsgadh air a’ ghualainn aige. Thuig Callum gu ’m faca no gu ’n cuala Domhull ni èiginn a chur faragradh air, agus sheall e gu geur air gach ni a bha mu choinneamh Thug e an aire do dhà shùil ainmhidh ’s iad a’ dealradh ann an solus an teine mar gu ’m biodh dà runnaig ann. Bha ’n gunna air an talamh ri thaobh ’s a làn, agus rug e air, agus chuir e air a làn-togail e. Ann an tiotadh ghabh an connadh, agus le solus an teine bha e ’faicinn an ainmhidh gu math soilleir. Chuir e ’n gunna ri ’shuil agus loisg e air. Agus o nach robh an t-ainmhidh ach mu dheich slatan uaithe, mharbh e gun sgrid e. Mu’u do leig Callum an guna as a laimh, chuir e urchair eile ann, a chum gu ’m biodh e deiseil gu losgadh a rithist ’n am biodh feum air. Thuig iad glé mhath gu ’n robh àireamh mhath dhe na h-ainmhidhean mu ’n cuairt dhaibh, oir chual’ iad fuaim an cas a’ ruith air falbh an uair a loisgeadh an urchair. Agus bha iad a’ smaointean nach tilleadh iad a chur dragh’ orra an oidhche sin tuilleadh. Agus bha iad ceart gu leòr ’nam barail, oir cha d’ thainig creutair sam bith ’nan còir fad na h-oidhche. Gun dàil sam bith thug iad an creutair a mharbh iad gu solus an teine feuch an deanadh iad am mach ciod an creutair a bh’ ann. An uair a bheachdaich iad gu math air, thuirt iad a beul a chéile gu ’n robh iad a’ smaointean gur e seòrsa dh’ fhiadh a bh’ ann. “Is e am fortan a chuir oirnn e,” arsa Callum. “Faodaidh sinn a bhith ùine fhada air an eilean so; oir ma gheibh an sgiobair soirbheas fabharrach, seòlaidh e gun dàil sam bith, agus fàgar an so sinn.” “Agus ged a bhiodh e ’feitheamh ruinn, is dòcha nach amais sinn air an rathad cheart thun a chladaich gu cionn iomadh latha,” arsa Dòmhull. “Agus o ’n tha sinn feumach air biadh, is ann is fhearr dhuinn ’fheannadh gun dàil, agus pìos dheth ’bhruich. Cha ’n ’eil agamsa ach dà bhrioscaid, agus cha ’n fhad’ a chumas iad beò sinn mur faigh sinn biadh eile.” Gun tuilleadh dàlach, thòisich iad ri feannadh. an fhéidh, Ged nach robh a h-aon aca eòlach air a leithid a dh’ obair, cha robh iad fada ’toirt a’ bhéin dheth. Ghearr iad dà dheadh chulaig as a’ cheathramh dheiridh aige, agus ròst iad air an teine iad. An uair a bhlais iad an fheòil, thuirt iad á beul a chiéle, gu ’n robh iad a’ smaointean nach d’ ith iad greim feòla riamh cha blasda rithe. An ùine gun a bhi fada ’n a dhèigh sin thòisich an cadal ri tighinn orra. Bha eagal orra cadal le chèile aig an aon àm gun fhios nach tigeagh creutair an rathad a dheanadh cron orra. Ach dh’ aontaich iad gu ’n caidleadh fear ma seach dhiubh, agus gu ’m biodh am fear a bhiodh ’n a dhùsgadh a’ sràidimeachd sìos is suas air eagal gu ’n tuiteadh e ’n a chadal. O ’n a b’ e Domhull a b’ òige agus bu truime air a’ chadal, thuirt Callum ris, gu ’m b’ fhearr dha e fhein a leigeadh ’n a shìneadh agus cadal gus an dùsgadh e fhein e. Rinn Domhull so gu toileach. Ach cha robh uaireadair aig fear seach fear dhiubh, agus mar sin, cha b’ urrainn daibh a dheanamh am mach cia mar a bha ’n oidhche ’dol seachad. Ged a bha uaireadair aig Callum, b’ ainneamh leis i bhi air a chliathaich, na ’s lugha na bhiodh e air tìr ’s gun dad aige ri dheanamh. Agus anns a’ mhaduinn roimhe sid, an uair a bha e ’deanamh deìseil gus a dhol gu tìr do ’n eilean, dh’ fhàg e an crochadh air staing i anns an àite ’s am biodh e ’na chadal. B’fhearr leis na ’dà luach gu ’n robh i aige an uair ud; oir bha e faireachadh na h-oidhche anabarrach fada. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. VI. Bu bheag a bha dhill aìg Nouredin ris an fhreagairt a thug am boirionnach glic air. Ars’ ise, “Is mise do shearbhanta; agus tha fhios agad gu ’n cheannaich d’athair mi air son deich mìle bonn oir. Tha fhios agam nach fhiach mi uiread sid an drasta; ach tha mi creidsinn gur fhiach mi gu math faisge air an t-suim ud. Guidheam ort, ma ta, thoir do ’n mhargadh mi gun dail gus mo reic, agus leis an t-suim mhath airgid a gheibh thu air mo shon, faodaidh tu toiseachadh ri marsantachd ann am baile anns nach bi daoine eolach ort, agus air an doigh so theid agad air thu fhein a chumail suas math gu leor.” “A bhean mo ruin,” arsa Nouredin, “am bheil e comasach gu ’n smaoinicheadh tu air a leithid sin? An robh mise cho suarach mu d’ dheidhinn ’s gu ’m bheil thu smaointean gu ’n deanainn gniomh cho oic ri sin? Ach ged a bhithinn cho truaillidh ’nam inntinn ’s gu ’m bithinn toileach sin a dheanamh, am b’ urrainn domh a dheanamh gun bristeadh air mo mhionnan, an deigh dhomh boideachadh do m’ athair nach reicinn gu brath thu? B’ fhearr leam gu mor am bas fhulang na bristeadh air mo mhionnan, agus dealachadh riusta; oir tha moran a bharrachd graidh agam ort na th’agam orm fhein. Ach tha ’n gnothach mi-reusanta a tha thusa ’g iarraibh orm a dheanamh a’ nochdadh dhomhsa nach ’eil uiread tlachd agad dhiom ’s a bha mi ’n duil.” “Mo thighearna,” ars’ ise, “tha mi deimhin gu’m bheil a’ cheart uiread graidh agad orm ’s a tha thu ’g radh. Agus tha fhios aig Dia gur ann an aghaidh mo thoile a tha mi ag iarraidh ort a an ni sin a dheanamh a tha toirt ort a bhith smaointean gu ’m bheil mi coma dhiot, agus gu ’m beeil a’ cheart uiread graidh agam ort ’s a th’ agad orm. Ach gus toirt ort mo chomhairle ’ghabhail, feumaidh mi ’chur ’nad chuimhne nach ’eil duine ’na eiginn gu bhith geilleadh do lagh. Tha gradh cho mor agam ort ’s a th’ agad orm; agus faodaidh tu a bhith cinnteach, ge b’e air bìth maighstir aìg am bi mi gu ’m bi uiread de ghradh agam ort ’s a bh’ agam riamh. Agus ma theid agad air mo cheannach air ais, rud a tha dochas agam a thachras, bheir e taitneas mor dhomh a bhith agad a rithist. Tha fhios agam gur e an fhior eiginn agus an cruaidh fhortan a bheir oirnn dealachadh ri cheile; ach cha ’n ’eil mi ’faicinn doigh sam bith eile leis am faigh sinn as an eiginn anns am bheil sinn le cheile.” Chunnaic Nouredin gu ’n robh a’ chomhairle a thug i air cothromach gu leor; agus o nach robh e ’faicinn doigh eile leis an rachadh aca air iad fhein a chumail gun bhas fhaotainn leis a’ bhochdain, dh’ aontaich e gu h-aindeonach gu ’n deanadh e mar a bha i ag iarraidh air. Air an aobhar sin thug e leis i do ’n mhargadh anns am bithteadh reic nam boirionnach, agus ma thug, cha b’ ann gun bhron ’s gun duilichinn nach gabh innseadh. Bhruidhinn e ri ceannatche do ’m b’ ainm Hasan. “A Hasain,” ars’ esau, “so agad searbhanta a tha toil agam a reic. Feuch am faigh thu ’mach ciod a gheibh mi air a son.” Dh’ iarr Hasan air Nouredin agus air Bean na Maise a dhol a steach do ’n t-seomar. Agus an uair a thug i an srol bhar a h-aghaidh, thuirt Hasan, “Mo thighearna, mur ’eil mi air mo mhealladh, is i so an t-searbhanta air an d’ thug d’ athair deich mile bonn oir. Dh’ aidich Nouredin gu ’m b’ i a bh’ ann. Thuirt Hasan ris gu ’n robh e an dochas gu ’n rachadh aige air a reìc air deadh phris; agus gheall e gu ’n deanadh e na b’ urrainn e gus a phris a b’ airde fhaotainn air a son. An uair a chaidh Hasan agus Nouredin am mach as an t-seomar, ghlasadh Bean na Maise ann. Chaidh Hasan gnn dail far an robh na marsantan, agus o ’n a bha iad gu math trang a’ reic shearbhantan a thugadh a iomadh cearn dhe ’n t-saoghal, b’ fheubar dha dail a dheanamh gus an robh am margadh seachad. An uair a fhuair e cruinn iad an deigh do ’n mhargadh a bhith seachad, thuirt e riutha, agus coltas geanai (Air a leantuinn air taobh 318.) [TD 316] [Vol. 8. No. 40. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, MAY 11, 1900. TEINE MOR HULL agus OTTAWA Tha fios air feadh an t-saoghail gu’n do loisgeadh baile Hull agus cuibhrionn de bhaile mor Chanada, le teine uamhasach bho cheann fichead làithean. Tha e fior gu leòir gu bheil teine gu tric a’ tachairt agus a losgadh iomadh aitreibh eireachdail anns an dùthaich so agus ann an tirean eile. Ma dh’ fhaoidte nach robh riamh roimh ann an Canada teine cho oillteil agus cho millteach ris an teine loisg ann an ùine ghearr iomadh tigh agus muillean-sàbhaidh us tigh ceird us innleachd ann an Hull agus ann an Ottabha, maille ri uamhas fiodha ’bha deas air son a thabhairt air falbh gu margaidhean na Roinn-Eòrpa ’s ionadan eile de’n t-saoghal. Tha fios aig gach duine gur ann am meadhon frithean giuthais a dh’ eirich air tùs baile mor Ottabha ’s Hull. Is iomadh bliadhna chaidh seachad o’n thòisich muillnean-sàbhaidh air a’ ghiuthas lionmhor, reachdmhor a dh’ fhàs agus a tha ’fàs fathast faisg air amhainn Ottabha, ’ghearradh agus a chur air dòigh airson a thabhairt gu tirean céin. Tha àireamh fhuathasach de chraobhan giuthais air an gearradh sios anns gach geamhradh agus air an tabhairt le sgil is dichioll iongantach a dh’ ionnsuidh baile mor Ottabha. Is e muillnean-sàbhaidh gasda da-rireadh a bha r’am faicinn aig eas na Chaudaiere,—tuiteam uisge tha fa chomhair baile Ottabha. Tha’n amhainn domhainn agus leathann a tha ruith eadar Ottabha ’s Hull. An uair a dh’ amhairceadh neach bho na taighean àluinn Parlamaid air Hull, chitheadh e gu furasda gu robh moran fiodha sàbhte daonnan anns a’ bhaile so ’s gu robh ann mar an ceudna moran de thaighean suarach fiodha loisgeadh gu dian nam bristeadh teine a mach ’nam measg. Is ann an luidheir aon de na tighean tioram so thòisich an teine ’sgrios gus an làr Hull leis gach dachaidh us fiodh a bhuineadh dha, ’s a chaidh leis an neart uamhasach a bha aige thairis air an amhainn agus a loisg iomadh tigh ann an Ottabha féin. Rinn an luchd casgaidh gach oidheirp us dichioll airson an teine chiosnachadh, agus dachaidhean nan daoine bha tuineachadh anns a bhaile thearnadh bho na lasraichean dearga. Bha ghaoth àrd agus làidir ag imeachd tri fichead mile ’san uair; agus mar so, fhuair an teine spionnadh eagallach leis an do loisg e gu luath gach aitreabh, us fiodh us muillean a bha ’na shlighe. Chuir bailtean mora eile inneil-casgaidh a chum comhnadh a dheanamh ann an ciosnachadh an losgaidh a bha ’bagairt gach tigh us lùchairt us gach ni ghabhadh teine. An uair a thainig crioch air an losgadh oillteil, is e sealladh brònach tiamhaidh a bha ri fhaicinn. Chaidh ma dh’ fhaodte tri mhile tigh a losgadh gus an làr. Chaidh iomadh duine bha ann an suidheachadh cothromach fhàgail gun tigh gun mhaoin ann an uair no dha. Is muladach an sgeula gu bheil mnathan ’us pàisdean gun tigh gun chomhfhurtachd air bith, do bhrigh gu’n do loisg an teine an dachaidhean maille ris gach àirneis us eudach a bhuineadh daibh. Dhùisg a’ chall us an deuchainn uamhasach a thainig an lorg an losgaidh, doilgheas mor ann an deich mile cridhe, ’s thòisich air ball pàrlamaidean, luchd-riaghlaidh, bailtean beaga ’s mora, air comhnadh caoimhneil a nochdadh agus a thabhairt do na teaghlaichean truagha dh’ fhàg an teine ann an staid cho bochd agus cho dubhach. Tha aobhar againn a bhi taingeil gu ’n deachaidh moran airgeid cheana chur a dh’ ionnsuidh nan daoine dh’ fhuiling cho uamhasach, bho Chanada, bho Bhreatunn, bho na Stàidean, agus bho ionadan eile air feadh an t-saoghail. Tha luchd-àiteachaidh Chanada daonnan faoilidh ann an cuideachadh a thabhairt do dhaoine air bith ann an tirean eile far am bheil gort no galar no mi-fhortan anabarrach. Tha sinn a cluinntinn gu bheil faisg air coig mile dh’ fheumas cuideachadh fhaotainn re na bliadhna so. Tha gach neach toilichte gu do thòisich iadsan d’ am buineadh na muillnean agus na tighean-ceird a chaidh losgadh, air na laraichean a ghlanadh, agus air deasachadh a dheanamh airson muillnean us tighean-ceird us innleachd ùra thogail. Is ann le tlachd sònraichte ghabhas sinn beachd air cia cho fiùghanta ’sa tha moran do dhaoine beartach Chanada. Thug Morair Strathcona coig mile fichead dolar doibh-san d’ an rinn an teine call no cron muladach. Cha robh riamh anns an duthaich so duine beartach cho faoilidh le mhaoin’sa tha’m morair air an d’rinn mi iomradh. Tha sinn ag altrum dòchais làidir, gu bheil cheana an sluagh lionmhor a chaill an dachaidhean, a’ sealbhachadh ann an tomhas beag co-dhiu, comhfhurtachd; agus gu faigh iad ionadan fasgaidh anns an urrainn iad còmhnuidh a dheanamh; gus an teid tighean ùra thogail air làraichean nan tighean anns an robh sonas us dion ns soirbheachadh aca mu’n d’ eirich an teine sgaiteach, sgriosach, a thug bròn us call do mhile cridhe ’s fardach. CONA. An 1899 reic George S. de Forest & Sons, a dha uiread de Union Blend Tea ’sa b’ àbhaist. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seachad air riabh. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. AM NAM BIAN. ’S ann mu ’n am so dhe ’n bhliadhna bhios na mnathan ’s na h-igheanan ag iarraidh bhian dhe gach seorsa. Tha gach seorsa dh’ iarras iad againne. Tha againn Cuideachd Aodaichean Deante, Aodaichean uachdair us iochdair fhirionnach us bhoirionnach, a bharrachd air gach seorsa Bathair Tioram, nach gabh ainmeachadh an so. Thig fhein ’gan coimhead. Matheson, Townsend & Co., Sidni, C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. STOR ADAN. Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh. H. H. MAGEE. Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY. May 3, ’00—1 yr. [TD 317] [Vol. 8. No. 40. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha spraidheadh uamhasach ann am meinn Schofield, ann an Utah, o chionn ghoirid, leis an deachaidh tri cheud méinneadair a mharbhadh. Tha Ban-righ Victoria cho toilichte le ’turus do dh’ Eirinn air an earrach so ’s gu bheil i cur roimpe sia seachdainean dhe h-ùine chur seachad ann air an ath bliadhna. Tha an t-Urr. Coinneach I. Mac Coinnich an deigh gairm a ghabhail gu Port Morien. Tha Mr. MacCoinnach o chionn àireamh bhliadhnaichean a’ saoithreachadh ann an Ontario. Bha Seumas Burton, a thug ionnsuidh air beatha a’ Chonductor Mac Gilleain air an rathad gu Louisburg, air a thoirt gu cùirt air an t-seachdain s a chaidh; fhuaireadh ciontach e, agus thugadh da bhliadhna dhe ’n tigh obrach dha. Chaochail Alasdair Calder ann an Selkirk, ’s an Iar-Thuath air an 20mh latha dhe’n Mhàrt, le droch cnatan a ghabh e. Bhuineadh e do ’n Bhaigh ’n Iar. Bha e ’na fhear-pàirt aig Alasdair Domhnullach, “Righ a’ Chlondaic” agus bha beairteas mor aige. Ann an Collingwod, Ontario, an la roimhe, chaidh fear Weldon dhachaidh air an daoraich, agns chaidh e fhein ’sa mhac bhar a chéile ’s thòisich iad rì sabaid. Chaidh màthair a ghille ’san eadraiginn, agus fhuair i buille a bha fhear dhiubh a mharbh i. Cha n eid fhios co ’m fear a bhuail i, oir bha ’n daorach air an dithis. Chuir aon duine mhuinntir Parrsboro, N. S., còrr us tunna de shiùcar méipil air falbh air an earrach ’sa chaidh. Tha e ’g radh gu’n d’ thainig a’ chuid bu mhotha dheth gu ruige Sidni. Dh’ fhaodte na dh’ fhoghnadh do Shidni a dheanamh ann an Ceap Breatunn, na’n rachadh daoine ris; ach cha’n eil uiread air a dheanamh dhe’n t-siùcar air an eilean so ’s a b’ àbhaist bliadhnaichean roimhe. Tha an aon rathad-iaruinn a bhuineas do Chanada—an I. C. R., a nise ’ga phàigheadh fhéin e Roimh so bha e gach bliadhna ’cur na dùthcha aireamh mhiltean dolair ann am fiachan. Tha dòchas againn nach bi e mar sin tuilleadh, ach, an àite bhi ni uallach air an dùthaich, gu’m bi e a’ cur a stigh ris an ionmhas agus ag aotromachadh nan uallaichean eile th’ aig an t-sluagh ri ghiùlan. Toiseach na seachdain s’a chaidh chaochail triùir sheann fheadhain an Scotch Hill, an siorachd Phictou, ’san aon tigh agus mu fhaisg beagan uairean dha cheile:—Hannah us Ceit Nic aoidh, peathraichean 78 agus 75 bliadhna dh’ aois; agus Rob McQuinnigle, a bha 68 bliadhna. Bha ’n triùir air. Toirt air falbh leis an aon tinneas (pneumonia) agus bha iad air an tiodhlacadh còmhladh Di-màirt. Tha riaghladh Phortugal an deigh cead a thoirt do Bhreatunn saighdearan a thoirt troimh an cuid fearainn dh’ ionnsuidh an Transvaal. A reir barail cuid, tha Portugal mar so a bristeadh air lagh nan rioghachdan, ach cha’n eil an Transvaal làidir gu leòr gus dioghaltas a dheanamh oirre, ged a bhristeadh i an lagh na bu mhiosa na sin. Tha’n eaglais Chaitliceach ’sa bhaile so an deigh naodh acraichean fearainn a cheannach anns an t-Shipyard air son cladh. Bhuineadh am fearann do Iain Caimbeul, agus phàigheadh seachd mile dolair air. Chruinnich pàrlamaid Eilean a Phrionnsa Di-màirt s’a chaidh. Tha ’n da phàirtidh cho faisg air a chéile ’n àireamh ’s nach eil fhios ciamar a gheibh an riaghladh air adhart. Tha e cho docha gu’n teid a bhristeadh mu’m bi an suidhe seachad. Thàinig bàs gle aithghearr air Seumas Bayne, mach do’n Urr. E. S. Bayne, ministear Mabou, ann an Glace Bay air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e air bhualadh le pairileis, agus cha do sheas e ris ach ùine gle ghoirid. Cha robh e ach fichead bliadhna dh’ aois. Tha Tearlach H. Peppy, fear-deasachaidh an Telephone, am Baddeck, air a chur an greim air son litir a bha aige anns a phaiper o chionn ghoirid a cur sios air .I. A. Domhnullach, clèireach siorrachd Victoria. Cha’n eil e sàbhailte do dhuine bhi cur a bharailean anns na paipearan. Thatar ag radh gu bheil an carbad iaruinn gu bhi beagan na’s fhearr a thaobh falbh is tighinn air an t-samhradh so na tha e ’n dràsda. Bidh da charbad a falbh ’sa tighinn gach latha, agus cha’n eil teagamh nach bi aon diubh sin, co dhiu, a’ ruigheachd ’sa fàgail a bhaile aig àm rianail. Mar a tha an dràsda, cha’n fhaigh daoine an cuid litrichean am ’feasgar a thig iad gun caithris darna leth na h-oidhche. Bha cuid de na ròidean-iaruinn ann an Canada re na bliadhna chaidh seachad a’ cufaradh gle mhor air olla (kerosene) ’bhiodh a tigh’nn as na Stàidean agus faradh gle bheag air olla bhiodh a’ tigh’nn á Sarnia, an Ontario, mar sin a toirt cothrom do ’n chuideachd d’ am buineadh na tobraichean olla ’sa bhaile sin air an olla dhaoradh. Bha comhairle de’n ard-riaghladh cruinn o chionn treis a dh’ ùine a’ ceasnachadh fhianuisean a thaobh na cùise, agus tha iad a nise ’n deigh breth a thoirt. Tha aig na roidean-iaruinn ris an fharadh á Sarnia fhàgail mar a tha e, agus am faradh as na staidean isleachadh gu mar a bha e roime. Ni sin, gun teagamh, pris na h-olla lughdachadh. Bha fuaim mor air feadh an àite o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais mu shaoibhreas a bha ’n tasgadh ann am bancaichean ’s an t-seann dùthaich, a’ feitheamh air oighrerachan; agus aig an àm sin cha robh ann an duine aig nach robh sùil ri dileab ach duine gun diù. Ach an diugh tha gach dileab us fortan dhiubh sin air an leigeil air nach robh iad air iomradh a chluinntinn riamh orra. Tha oighreachd nam Balls, a reir coltair, air teirgsinn, agus tha nise dileab nan Crowells, ann an Nobha Scotia, air a dhol as an t-sealladh. Chuir iad sin suim airgid cruinn, agus chuia iad duine null do Shasnidn air son an gnothuch a dheanamh cinnteach; ach tha ’m fear sin air tilleadh o chionn ghoirid gun uiread ’s na phàigheadh ’fharadh fhaotainn. Bha dùil aca so ri deich muillean fichead dolair. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. GIBHTEAN NOLLAIG ’us BLIADHN’ UIRE ANN AN AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries Nollaig. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. SYDNEY CASH STORE. Cuim-Leintean, Iochdair, agus Deiseachan Do na Mnathan. Deiseil gu’n cosg, aig J. C. MILLS, Sidni. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Tha ’n elephant air fàs cho gann ann an Africa ’s gu bheil an Riaghladh Breatunnach a bruidhinn air fearann a chur air leth dhaibh anns am faod iad còmhnnidh ann an sith, agus far nach bi cead aig duine dragh sam bith a chur orra. Tha so gle iomchuidh, oir bhiodh e na chall am beothach a’s mo air an t-saoghal a leigeil bás gu buileach. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. [TD 318] [Vol. 8. No. 40. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 315.) aoidheil air, “A mhaighstirean, cha ’n e cno a th’ anns a h-uile rud a tha cruinn; cha ’n e fig a th’ anns a h-uile rud a tha fada; cha ’n e feoil a th’ anns a h-uile rud a tha dearg; agus cha ’n ’eil na h-uighean gu leir ur. Tha e fior gu ’m faca, agus gu ’n do cheannaich sibh moran shearbhantan re bhur beatha, ach coimeas na te a tha mise dol a shealltainn dhuibh cha’n fhaca sibh riamh fhathast. Cha ’n ’eil a leithid eile ri fhaighinn. Thigibh comhladh riumsa agus chi sibh i, agus bheir sibh bhur barail ciod a’ phris is coir dhomh ìarraidh oirre.” Dh’ fhalbh na marsantan comhladh ri Hasan do ’n t-seomar anns an robh Bean na Maise. Agus cho luath ’s a chunnaic iad i ghabh iad ioghnadh leis cho briagha ’s a bha i. Dh’ aontaich lad uile gu ’m bu choir dha ceithir mile bonn oir iarraidh oirre anns a cheud dol am mach. Chaidh iad uile mach as an t-seomar, agus cha bu luaithe rainig Hasan an t-sraid na thoisich e riglaodhaich aird a chlaiginn “Ceithir mile bonn oir air son Bean na Maise.” Cha do chuir a h-aon dhe na marsantan tairgse steach anns a’ cheud dol am mach, agus bha iad a’ cur an comhairle ri cheile feuch ciod an tairgse ’b’ airde a bheireadh iad oirre an uair a thainig Saoudhaidh, an t-ard chomhairleach, an rathad. An uair a chunnaic e Nouredin anns a’ mhargadh, thuirt e ris fhein, “Is cinnteach gu ’m bheil Nouredin fhathast a’ reic a chodach (oir bha fhios aige gu ’n robh e reic an innsridh), agus tha e air tighinn a cheannach searbhanta leis an airgiod. Bha Hasan aig an am a’ glaodhaich “Ceithir mile bonn oir air son Bean na Maise.” An uair a chuala Saoudhaidh a’ phris ard a bha Hasan ag iarraidh air son na searbhanta, thuig e gu ’m feumadh gu ’n robh i anabarrach maiseach; agus bha toil aige a faicinn. Thug e spuir do ’n each, agus chaidh e far an robh Hasan ’na sheasamh a’ glaodhaich, agus na marsantan mu ’n cuairt dha. “Fosgail an dorus, agus leig fhaicinn an t-searbhanta dhomh,” ars’ esan. Cha robh e mar chleachdadh a bhith sealltainn nan searbhantan do dhuine sam bith an deigh do an marsantan am faicinn agus a bhith ’cur a staigh air an son; ach cha bu dana le neach sam bith cur an aghaidh ordugh ad ard-chomhailich. Agus b’ fheudar do Hasan an dorus fhosgladh, agus iarraidd air Bean na Maise tighinn am mach, a chum gu ’m faicadh Saoudhaidh sealladh dhi gun tighinn bhar muin an eich. Bha ioghnadh gu leor air Saoudhaidh an uair a chnnnaic e Bean na Maise, ogus o ’n a bha e eolach air Hasan, thuirt e ris, “A Hasian, an e ceithir mile bonn oir aig am bheil thu ’g a cur suas?” “Mo thighearna, is e sin direach an t-suim,” arsa Hasan; “dh’ aontaich na marsantan an drasda fhein gu ’m bu choir dhomh a cur suas aig a’ phris ud. Tha mi ’feitheamh gus an tairg iad tuilleadh oirre; agus cha ’n ’eil teagamh agam nach tairg iad cuid mhath a bharrachd oirre.,” “Mur tairg duine sam bìth eile barrachd oirre bheir mi fhein an t-suim sin oirre,” arsa Saoudhaidh, agus e ’g amharc aìr na marsantan le aghaidh ghruamaich a thug orra nach do chuir iad tairgse sam bith a steach. Bha eagal air na h-uile roimhe, agus cha bu dana le duine sam bith facal a radh ’na aghaidh, eadhoin ged a bhiodh e fada cearr. Bha [?] a’ feitheamh feuch an cuireadh duine sam bith tairgse a steach a b’ airde nan tairgse a chuir e, nach d’ fhosgail fear s[?] dhe na marsantan a bheul, thuirt e, “C’ar son a tha thu feitheamh? Bi [?] seall air son ceithir mile bonn oir air neo feoraich dheth am bheil e air iarraidh tuilleadh air a son.” Cha robh fios sam bith aige gu ’m b’ ann le Nouredin a bha am boirionnach. Dhuin Hasan an dorus, agus chaibh e far an robh Nouredin, agus thuirt e ris, “Tha mi doilich gu ’m bheil droch naigheachd agam dhut. Tha do shearbhanta gu bhith air a reic air son suim ro bheag.” “Cia mar sin?” arsa Nouredin. “Faodaidh mi innseadh gu ’n deachaidh an gnothach gle mhath air aghart an toiseach; oir cho luath ’s a chunnaic na marsantan i, dh’ ordaich iad dhomh a cur suas aig ceithir mile bonn oir. Mar sin, chuir mise suas i aig an t-suim a dh’ ainmich iad. Aig a’ cheart am thainig Saoudhaidh an t-ard-chomhairleach, agus an uair a chunnaic na marsantan gu’n robh e toileach a ceannach, cha d’ fhosgail iad am beoil. ged a bha toil gu leor aca a ceannach air deadh phris, ma dh’ fhoiteadh air a’ phris a thug d’ athair oirre. Cha toir Saoudhaidh oirre ach ceithir mile bonn oir; agus cha ’n ’eil mise deonach a reic air pris cho suarach sid. Is ann leat fhein a tha i; ach cha tugainn de chomhairle ort a reic air an t-suim ud, o ’n a tha fhios agad fhein agus aig a h-uile duine gur fhiach i moran a bharrachd, A bharrachd air so, tha e suarach gu leor gus doigh fhaotainn air do chuid airgid a chumail uat.” “A Hasain,” tha mi fada ’nad chomain air son na comhairle e thug thu orm. Na bi smaointean gu ’n reic mise gu brath mo shearbhanta ri fear a tha ’na dhearg namhaid dhomh. Gun teagamh sam bith tha mi gle mhor ’nam eiginn aig an am so; ach b’ fhearr leam gu mor am bas fhaighinn le cion a’ bhidh ’na ’toirt dhasan. Is e an aon rud a tha mi ag iarraidh ort o ’n tha thu eolach air doighean agus caran luchd reic is ceannaich, gu ’n innis thu dhomh mar a chumas mi gun reic i.” “Mo thighearna, tha sin furasda gu leor dhomh. Feumaidh tusa a chur an ire gu ’n robh thu ann an corruich mhoir ri do shearbhanta, agus gu ,n d’thug thu do mhiannan gu’n cuireadh tu do ’n mharagadh i gus a reic, agus air son do mhiannan gu ’n d’thug thu ann an so i, ged nach robh duil sam bith agad a reic. Bidh a h-uile duine riaraichte leis a’ so, agus cha ’n urrainn Saoudhaidh facal a radh ’na aghaidh. Thig comhladh riumsa, ma ta; agus direach an uair a bhios mise ’ga toirt do Shaoudhaidh, mar gu ’m b’ann le d’ aonta fhein, tarruinng ad ionnsuidh i, thoir dhi a dhà no tri de bhuillean, agus cuir dhachaidh i.” “Tha mi ’toirt taing dhut air son do dheadh chomhairle,” arsa Nouredin, “agus chi thu gu ’n dean mi feum dhith.” (Ri leantuinn.) AN TREALLAIDH, No an “Influenza.” Is lionmhor na h-uile air am bheil an fheoil ’na h-oighre, agus is ann dhiubh sin gun amhrus a tha’n “influenza.” Is e ainm Eadailteach a tha air an droch ghalair so. Tha co-dhàimh aige ris an fhacal Bheurla, “influence;” agus bha e air a thoirt, faodaibh sinn a bhith cinnteach, o mhothachadh air gabhaltachd na plàighe. Tha sinn fein gu minic ’ga h-ainmeachadh air “Rusia,” a chionn gur ann o’n rioghachd sin a sgaoil i air feadh na Roinn-Eorpa beagan bhliadhnachan roimh ’n àm so fein. Ach is e cùis a’s miosa nach e aon duthaich no dhà a tha’n “influenza” a’ tathaich. Tha fhios againn gur e “an treallaidh” an t-ainm a bha aig na seana Ghàidheil air an tinneas so. Cha biodh e neo-fhreagarrach a ràdh gur e meur dhe’n teasaich a th’ ann, Tha lighichean ag innseadh dhuinn gu’m bheil an galair so fiabhrusach ’na nàdar. Cha’n fhaodar a radh gur e an t-olc aineolach a th’ anns an “influenza.” Tha suas ri ceithir cheud bliadhna o’n a bhuail i ris na crìochan so againn fein, cho fad ’s is urrain sinn a dheanamh am mach. Tha ’n dara iomradh air an “influenza,” air fhaotainn anns a’ bhliadhna 1557, an uair a thòisich i ’s an Asia, a’ ruith thairis air an Roinn-Eorpa, agus a ruigheachd America, far an do sguir a réis aig an àm. Bho na linntibh sin tha ’n “influenza” a’ briseadh am mach an dràsta ’s a’ rithist. Faodaidh e bhith nach taobh i àite ré fichead no dà fhichead bliadhna; ach ’na dhéigh sin tha i ag ath-thilleadh cho nimheil ’s a bha i riamh. Cha’n ’eil fear-turuis fo ’n ghréin a shiùbhlas na’s luaithe na an “influenza.” Fada mu’n robh iomradh air bàta na smùide, no air each-iaruinn, Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. [TD 319] [Vol. 8. No. 40. p. 7] no air fios-dealainn (telegraph), bha’n “influenza” a’ ruith air ais ’s air aghart feadh an t-saoghail mu ’n iath a’ ghrian cho luath ris an oiteig. Cha chuir cuan mòr le’ fharsuinneachd, no beanntan le ’n àirde, tilleadh air an fhear-thuruis lùghmhor so. Tionndaidh e suas gun rabhadh gun aobhar far an lugha ’m bheil sùil ris—anns na luingis air àird a’ chuain, ceudan de mhiltean o gach fearann, agus seachdainean an déigh an calla mu dheireadh a thaobh iad fhàgail. A thuilleadh air sin, is e béisd sheòlta th’ anns an “influenza.” Ma tha mìr no bad failinneach mu aoraidh neach, cha bhi an “influenza” fada ’ga fhaotainn am mach. Tha i a nis a’ toirt an car a mòran; oir an uair a tha ’cheud bhraise seachad, agus a tha neach a’ faotainn seòrsa faothachaidh, tha e ’smaointean gu ’m bheil e cho slàn ris a’ bhreac, agus gu ’m faod e dhol a dh’iasgach, no dh’ fheamanadh, no thun a’ mhargaidh Ach mo thruaighe! is iomadh a h-aon a dh’fhàg leabadh, gu “ball,” no banais a fhrithealadh, agus a ghabh aithreachas. Fhuair an “influenza” fàth air ath-ionnsuidh, agus ionnsuidh na bo mhiosa na ’cheud té a thoirt air, agus cha d’ rinn i dearmad. Is mòr dragh is cainnt nam mnathan a’ cumail fhir-an-taighe agus na cloinne anns an leabaidh an uair a bhuaileas an “influenza” iad; ach ciod e dha sin? An uair a bhuaileas an trioblaid iad fein, cho luath ’s is urrain dhaibh an ceann a thogail, cha chum an saoghal as an tobar iad. Tha ’n “influenza” ’gam mealladh mar a mheall a’ nathair prìomh-mhathair a’ chinne-daon. Tha olc eile mu ’n “influenza,” agus is e sin gu’m bheil i cur sgaradh eadar cairdean is coimhearsnaich. Tha i cosmhuil ri tri nithean eile nach ’eil ri ’n iarraidh.—“An t-eagal; an t-iadach, ’s an gaol.” Tha i cho gabhaltach ’s nuair a ruigeas i baile no sgireachd ’s gur gann a dh’ fhagas i duine o fhear liath gu leanabh. Tha daoine fallain buailteach dhi mar a tha muinntir chaoin. Cha ’n fhad o ’n a chuala mi gu’n robh Callum beag, an greusaiche, ’na laidhe innte—duine nach do ghearain cnead riamh; a bha cho sgaiteach ris a’ bhioraich ged a dh’ eireadh e thun a bhidh air a gharbh mheadhain oidhche; a bha mar ròn, na dobhran, cho gleusda air muir ’s air tir; agus le ’m bu rogha ceol-gaire doctairean agus an innleachdan leighis. Bha na coimhearsnaich ag radh gur gann nach bu mhiosa leis cur a dh’ iarraidh an doctair na cur suas leis an anshocair. Cha chuir Achd Righ no Pàrlamaid obair dùthchadh na tamh na ’s cinntiche na chuireas an “influenza.” Far am bheil i, chi sinn an fheamainn fein a’ dol a dholaidh air a chladach; agus cha toir na bodaich a’s sanntaiche sùil na còir. Tha’n galair so a’ gabhail mu thimchioll còig laithean air son a chursa ruith. Bu chòir do na h-uile a tha ’fulang uaithe a bhith ro fhaicleach ré na h-ùine sin, agus ’na dhéigh; oir lagaichidh e neach ro mhòr. Cha bhiodh e duilich a dheanamh am mach gu’m bheil an galair so cosmhuil ris a’ pheacadh—gabhaltach, cunnartach, mealltach. Ach is math an sgeul gu’m bheil leigheas ann air an son mar aon.—D. I. M.—Life and Work. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! PUBLIC NOTICE Shorey’s Clothing is sold by Reliable Dealers only others cannot buy it, consequently you can be sure it is as represented. H. Shorey & Co., Montreal. Shorey’s All Wool Business suits Retailed at $8.00 Cannot be beaten. [TD 320] [Vol. 8. No. 40. p. 8] Luinneag an Iasgair. LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASCHU. Bha mi air banais am Bail’ Ionar-aora, Bha mi air banais am Bail’ Ionar-aora, Chaidh mi gu banais le cuideachd o’n bhaile, ’S gun d’fhuair mi mo leannan am Bail’ Ionar-aora. Toiseach an Earraich ’s mo lin air an fharadh, ’S mi’m chlaoidh leis an fhadal, gun ealain gu saothair Thainig an rathad, fear-cuiridh o’m charaid, Gam iarraidh gu banais do Bhail’ Ionar-aora. Thoisich na bodaich ri clabhas ’s ri fochaid, Ag aireamh gach crois a ta crochadh ri faoineis, “’S du dhuit, a bhalaich, ’bhi dubailt’ ad earalas, ’S caileagan carach ’am Bail’ Ionaraora!” S a’ mhaduinn mu’n d’ fhag mi, b’i earail mo mhathar, “Bi stuama, bi cairdeil, ’n ad nadur, a laochain; Rach sgiobalta, sgoinneil, ’ad eideadh ’s ’ad anart, Mu ’m bi thu ’n ad mhasladh dhomh ’m Bail’ Ionaraora” ’Nuair thog sinn ri bruthach gu h-uallagach iolagach, Oigridh air mhire, troimh fhireach is aonach, Bu shunndach ar cairean thar mointich is ghleannan. ’S a’ phiob a’ toirt langain air “Bail’ Ionaraora.” ’Am shuailean-sa b’ aillse bha ’n dreach bean-na-bainnse Is croilean nam maighdean ri aoibh air gach taobh dh’i; Cha seallainn ri barrachd aig baintighearna fearainn ’An caisteal Mhic Cailein ’am Bail’ Ionaraora. ’Nuair thoisich an dannsa ri fidhill na seann-ruith Cuir shiubhlach, gu ’m b’ fhonnar a pong-gearradh aotrom; Dh’ fhogradh gach smalan le solas a’ chaidreimh Is boidhchead nan ainnir ’am Bail’ Ionaraora. ’S ann sheas i m’ am choinnimh, ’s a’ chlairidh fo ’r bannaibh, A’ mhaldag ghlan shomalta, thogarrach aoidheil, ’Rinn rib’ o suil dhearcach mo chridhe-sa ’ghlacadh, Mar lion mu na bradain an caisil na h-Aora. Bu trom a dh’ fhas m’ aigne ’nuair b’ eigin dol dachaidh, Cha togainn ri aidhear o’n dhealaich mo ghaol rium; Bu sgith mi de ’n astar, is m’ inntinn fo airsneal, ’S mo chridhe fo ghlais, ann am Bail’ Ionaraora. Gach taobh ni mi gluasad ma ’s Deas do ma ’s Tuath e, Gur caochlaideach luaineach mo smuaintean-sa daonnan; Bheir ’neoinean air machair no faoileag na mara Am chuimhne mo Chaileag tha ’m Bail Ionaraora. Ach bheir mi mo ghealladh dhoibh, oigridh a’ bhaile, Ged is ann an cagar nach canainn ri daoine. Ma shnamhas an sgadan am bliadhna mar is math leinn Bheir mise dhuibh banais am Bail’ Ionaraora! THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dce. 8,’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Tha sinn direach an deigh luchd carbaid de SHLEIGHEACHAN fhaotainn,—an fheadhainn a’s fhearr a chunnacas riamh an Ceap Breatunn. Cumaidhean agus Prisean a fhreagras air na h-uile. Taghail ’g an coimhead. F. FALCONER & SON, Tigh-margaidh Shleigheachan, Thruncaichean us Acuinn. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. Faoighnich air son EDDY’S EAGLE Parlor Matches, 200s EAGLE Parlor Matches, 100s VICTORIA Matches 65s LITTLE COMET Matches An seorsa ’s fhearr air an t-saoghal. Gun srad pronnaisg annta. The E. B. EDDY CO., Ltd. HULL, P. Q. Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. [TD 321] [Vol. 8. No. 41. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 18, 1900. No. 41. NA SPUINNEADAIREAN. (Air a leantuinn.) A buanachd an rathaid, thug na ceatharnaich choille iad fein as thun a bhaile. Cha do nochd a h-aon do ’n luchd tòir fhathast; agus bha chùis coltach gu robh iad cheana air faighinn as an ribe. Anns a bhaoth bharail so lasaich na fogaraich an ceum air seol ’s nach aobharaicheadh am mor chabhag amharus air iad a bhi air theicheadh. Re na h-ùine so smid cha deach a labhairt eatorr ach na dh’ ainmich sinn. Rinn iad an t-astar mar so ann a samhchair, agus bha iad a nis gus a bhi aig a’ bhaile ’n uair a dh’ fhairich Mac a Phearsain a bhi ’ga ghlachdadh air dha ghaoirdean bho chùlthaobh. Rinneadh a mach an taobh a ghabh iad ’s chaidh an lorgachadh. Mac-a-Phearsain a cur a neart anabarraich an gniomh, le aon spionadh cumhachdach, dh’ fhuasgail e e-féin a lamhan a luchd casaidh—oir bha dithis ann—thilg e, le sineadh clis de ghaoirdeanan treun an dithis aca ris an talamh. Air dha e-féin fhaotainn mar so bhuapa ghrad spion e a chlaidheamh as an truaill ’s sheas e airson e fhéin a gheard. Tharruinn a chairid Aonghas e fein a chlaidheamh, oir fhuair iad iad-fein a nis ri aghaidh, air a chuid bu lugha, dusan fear; bha an dithis a leum air Mac-a-Phearsain a nis air an neartachadh leis a chuid eile de’n bhuidhinn a thighinn nan còmhail. Gun taise, gun sgàthachas ro àireamh na bha m’an coinneamh dhe ’n dearg nàmhaid, agus muthachail air an staid na’n glacte iad, shuidhich na fogarraich ghaisgeil air stri gun athadh a chur riutha. Am measg gach buaidh eile ’bha fuaighte ri Mac-a-Phearsain bha e na shar fhear-claidheamh, agus bha e faireachdainn ann fein nach robh moran de reusan eagail dha airson na gràisg gun eòlas a bha na aghaidh, cho fad ’s a gheibheadh e ’n cumail gun dlùthachadh air—bha e mar sin gu soimh a’ feitheamh ri ’n teachd air. Bha e beagan mhionaidean mu’n do thachair sin; oir bha ’n nàmhaid, làn oillt ro’ neart, ro ghaisg’ agus ro’ eòlas, a’ fuireach air ais. Ach mu dheireadh bha iad uidh air n uidh a glacadh seòrsa de mhisnich, mar a bha iad gu mall a gluasad air aghart, gus an robh iad mar astar a dha na tri ’cheumannan do Mhac-a-Phearsain ’s dha chompanach, ’n-uair a thug dithis dhiubh bu dàine na càch roid ga’n ionnsaidh, ann an dùil gu faigheadh iad cho dlùth dhaibh ’s nach biodh cothrom ac’ air an cuid airm uisneadh; ach bha ’n oidhirp bàsmhor dhaibhsan a thug i A toirt iollach gharg dhùlanach, bhuail Mac-a-phearsain sios a chiad fhear dhiubh le bhuille chinnteach a sgoilt a cheansios gu smig, am feadh ’s a bha chompanach ag aiseag an fhir eile le chlaidheamh a sparradh troi bhodhaig. An àm toirt na buille so leum an da cheatharnach ceum no dha air ais, air chor ’s gu’m biodh cothrom iad féin a chluich ac’ eadar iad ’s an namhaid, a bha a ghnàth a teannadh riutha. Ach, a gabhail maoim air faicinn ciad-thoradh na h-ionnsaidh a thug iad, dh’ fhuirich iad car tamuill far a robh iad; chuir iad an comhairle ri cheile, agus thainig iad gu co-dhunadh gu’m b’e doigh a b’ fhearr iad a thighinn cearta còmhla air an da cheatharnach gus an smàladh sios mar so nan aon bhuidhinn. ’S ann mar sin a bha; bhrùchd iad orra uile, comhla, le àrd iollach; bha cath eagallach eatorra. Re ùine mhor, bha Mac-a-Phearsain ’s a chairid’ cha’n e mhàin ga’n geard féin o gach buille, gearradh agus stobadh a bha’n nàmhaid a’ feuchainn riutha, ach leag iad iomadh aon dhiubh, fear an deigh fir; agus bha bhuaidh gle mhor air mheidh ciu taobh an rachadh i, a dh’ aindeoin ’s na bha nan aghaidh. Aig an àm cheudna ged a bha Mac-a-Phearsain a cath cho uamhasach ’s a bha e, gidheadh b’ eigin dha bhi dol an comhair a chùil an earalas nach faigheadh iad a mhuchadh ’s a chuartachadh; oir bha dòmhladas an t-sluaigh an nis gu mor air dol am meud le muinntir a bhaile, a bha nis air toirm na comhstri, a chluinntinn, a teann-ruith, airson a dh’ fhaicinn a chath agus a chuideachadh leo-san a bha glacadh nan spuinneadairean. A’ faicinn a chunairt gun tigte air o thaobh a chùil, ruith e gu taobh na sraide, agus a’ cur a dhroma ri balla taighe, thog e chlaidheamh, thug e dulan dha na bha iad ann ’s iad a teannadh air; ach cha robh a h-aon na measg a ghabhadh air fein de mhisnich na thigeadh mar aite ruigheachd do chlaidheamh a chuiridh mhisneachail a bha gun athadh ga gheard féin uatha. Re làn chairteal na h-uarach chum e cuairt àireamh shlatan réith timchioll air agus anns an ùine sin bha e air anail fhaotainn gu math; ’s ann a bha chùis glé theagamhach gu ’n glacte idir e, oir cha robh e do-chomasach gu’m faodadh e mire-chatha ghabhail agus slighe ghearradh dha féin agus tarsuinn as. Le firinn, a muthachadh gealtachd a nàmhaid, do bhrigh nach robh gin dhiubh a ghabhadh a dhànachd tighinn faisg air, bha e da rireamh a suidheachadh so na inntinn. Ach bha cluip eile ’ga chuir an gniomh aig an àm nach do cheadaich so a bhi deante, agus a chuir an ceatharnach ann an lamhan a nàmhaid. Chaidh fear de’n chuideachd a stigh air dorus cùil an taighe aig an robh Mac-a-Phearsain na sheasamh, dhirich e thun na lotadh, agus a togail uinneig a bha os-a-chionn agus mu thri troighean uaithe, thilg e plaide mhor thairis air cho sgaoilte s’a ghabhadh i, ga mhùchadh agus ’ga chur o chomas e féin a chuideachadh. Bha an nàmhaid a’ faicinn a h-uile car a bha ’m fear a bh’ anns an uinneig a’ cur dheth ach cha do thuig an duine mi-fhortanach a bha ’ga gheard fhéin dad de na bha dol air aghart. Cho luath ’s a thilgeadh a’ phlaide, bhruchd an còmhlan air ’s fhuair iad a chur fo smachd ma ’m b’ urrainn e e fhein fhaighinn mar sgaoil. Chaidh Aonghas a dhealachadh bh’ uaithe trath anns an tuasaid, agus do bhrigh nach robh uiread de shuim aca ghlacachd cha robh iad cho furachail air agus mar so fhuair e tarrsainn as. An uair a fhuair iad an ceatharnach a ghlacadh cheangail iad gu teann, cruaidh e, agus thug iad do’n phriosan e, agus geard làidir thairis air. Air an ath latha chunnacas seann bhoirionnach air a còmhdach ann an trusgan do fhior sheann fhasan na dùthchadh—Tir nam Beann—a coiseachd air ais ’s air aghart aig aghaidh a phriosain anns an robh Mac-a-Phearsain; bha i a ghnàth a coimhead le sùil iomagaineach an taobh a bha ’m priosan. Le tighinn ni b’ fhaisge oirre chitheadh neach gu robh a sùilean dearg bho thuireadh; ach bha deòir uile mar tha air sileadh, ’s a chiad spàirn da bristeadh cridhe seachad; oir bha araon a coltas, s’a gnath’chadh, ged a bha iad a nochdadh a mòr dhoilghios, bha iad stolda suidhichte, bha, eadhon gruamach. Ach, air son sin, chite i an dràsd ’s a rithist, ’n uair a sheasadh i dh’ amharc air an àite ’s an robh an duine mi-fhortanach, bhiodh i turraman a nunn ’s a nall a sealltainn gu robh i fo throm bhròn. Cha robh i ’graitinn smid ri neach; ’s ann bha i mar nach biodh i mothachadh a h-aon de na bha dol seachad. Ach mu dheireadh chaidh i tarsuinn an t-sràid, agus bhuail i aig dorus mor a phriosain, ’s dh’ fheòirich i am faodadh i fear cumail a phriosain fhaicinn. Chaidh a thoirt ’ga h-ionnsaidh. ’N uair a thainig e—“Tha fiadh nam beann,” ars’ ise, “ann an ribe ’n t-sealgair. O latha dubh brònach a chaidh an gallan uasal treun clis, a bha cho saor, seasgair, a chur taobh stigh ceithir bhalachan toll-dubh sgreataidh—gu’m biodh na luath-chasan sìn air an cur ann an iarainn—agus an claidheamh air a dhiultadh do’n laimh threun a bha aon uair cho deas gus an lag a dhidean!” “Gu de tha thu ciallachadh, a bhoirionnaich choir?” arsa fear a phriosain, ’s gun e tuigsinn gu de bu bhrigh dha briathran. “De tha mi ciallachadh?” ars’ ise, le guth gruamach. “Nach eil mi ciallachadh gu bheil an curaidh misneachail na phriosanach aig na gealtairean, gu’n do thuit an treun ma choinneamh an anfhann—gu bheil an neo-sgàthach nach obadh air a mhealladh le sluagh fann cealgach? Nach eil mi ceallachadh sin? agus nach eil sin fior? Nach eil Seumas Mac-a-Phearsain ’na phriosanach taobh stigh nam ballachan so, agus nach tusa a tha ga chumail?” “Tha sin mar sin,” ars’ an deantach. “Tha fios’am air,” ars’ ise. “An doir thu so ’ga ionnsaidh ma ta?” thuirt i, ’s i toirt fiodhuill a luib a breacain. Choimhead fear a phriosain le mor ioghnadh, an toiseach oirre fein agus a sin air an ionnsramaid. “De!” ars’ esan, “fiodhull a thoirt gu duine tha gu bhi air a chrochadh! tha sin tur neònach.” “Se iarratas fein e,” ars ise; “iarratas duine tha dol thun a bhàis. An toir thu uige i?” “Oh, ma ’s e iarratas e, ghabh e gu ’m teagamh i,” arsa fear a phriosain, “ach ’se iarratas a’s neonaich’ a chuala mi riamh.” Bheir thu thuig’ i ma ta?” ars’ ise. “Bheir,” ars’ esan. A deanamh modh dha dh’ fhàg i e. Nuair a dh’ fhalbh i, thug fear a phriosain gu Mac-a-Phearsain an ni sin a chaidh earbsa ris; agus a bha cho neònach leis a bhi ga chur gu neach a bha crioch a shaoghail co faisg air. Nuair a chunnaic an duine bochd a bha ’san toll dhubh an fhiodhull dh’ aithnich e air a chiad shùil i; rug e gu grad oirre, ga spionadh a làmhan an fhir eile le mor [TD 322] [Vol. 8. No. 41. p. 2] aoibhneas ag radh, “Do bheatha, do bheatha, a chompanaich ghràdhaich; re laithean mo sholais ’s tu ’s minic a dh’ fhuadaich bhuam smuairean ’s trioblaid, a chinn-aobhair m’ aigheir re iomadh uair. Aonghas dileas!” Agus gun dàil thòisich e ri cluich na fioidhle a toir an aon chùil sin bu bhinne chuala cluas pongan a bha an druighteachd gu mor air am meudachadh bho shuidheachadh an fhir a bha cluich pairt de fhuinn thiamhaidh a dhùthchadh, agus bho’n uair sin gu uair a chur gu bàs cha mhor nach robh an ceòl àluinn a taomadh gun sgur troi uinneagan beaga an tuill dhuibh anns a robh e. Ach cha robh an uine fada gus an robh iad ri sgur gu bràth. Chaidh Mac-a-Phearsain, an ceann beagan lathaichean, a thoirt gu cùirt, agus a dhiteadh gu bhi air a chrochadh air a chroich aig Banff. Air a latha sin air an d’ fhuiling e peanas deireannach an lagha, dh’ iarr e air fear a phriosain an fhiodhull a thoirt ionns’ an àite ’s an robh e ri bhi air a chur gu bàs. Chaidh so a dheanamh. Chaidh a cur na làmh an ’s e na sheasamh aig bonn na croiche; chluich e ’m port tiamhaidh sin dha ’n ainm “Cumha Mhic-a-Phearsain,” port a rinn e féin am feadh ’s a bha e anns a phriosan. Air criochnadhadh cluich a chiùil dhruightich chianail so rug, e air amhaich na fiodhla agus ’ga bualadh ri maidh na croiche rinn e criomagan dhith, ’s thilg e na piosan anns an uaigh a bha deiseil gus e fein a chur innte. Ann am beagan mhionaidean an deigh sin bha ’na bha làthair do Mhac-a-Phearsain, an spuinneadair, air a chàradh anns an uaigh sin. Tha sinn a nis ann am beachd, gus an leughadair a riarachadh, nach eil ach aon phuing eile ri toirt as n-aird—agus ’se sin tilleadh car tamuill ri Eilidh Mhàrtuinn. Thuig an nighean mhi-shona so, ach ’sann ùine mhor an deigh a chur gn bàs, co b’e a leannan diomhair air na ghabh i gaol; ach cha d’ fhuair neach riamh a mach a bheag no mhor m’u dheighinn an dlùth chàirdeas a bh’ eatorra ach Aonghas oir cha d’ thuirt e smid ri neach air bith eile m’a deighinn, ni motha labhair e smid m’a dheighinn re na h-ùine ’bha e ’m priosan. Thug e seo fanear a thaobh ’s nach deante dimeas oirre-se air a thàileabh-san. Dhruigh a chùis gu trom air Eilidh Mhartuinn bhochd, ’n uair a fhnair i ’mach dearbh bhiuthas a leannain. Cha b’ urrainn i a choltas àluinn, a ghiùlan beusach, agus a chonaltradh taitneach, fhuadach as a h-inntinn. Cha robh fios aig neach air gu robh i fein ’s Mac-a-Phearsain cho mor m’a cheile; leis a sin cha robh neach ann ri’ leigeadh i a h-inntinn, ni a dh’fhàg a chùis ni bu truime oirre. Tharmaich linn-ndubh air a cridhe ’s air a h-inntinn, nach do dhealaich riamh rithe, ’s chuir i roimpe nach posadh i ’m feasda. Bha fo ’n fhòd ann an uaigh Mhic-a-Phearsain ceann aobhair a ciad ghaoil agus cha d’ fhiosrach i an corr.—Eadar-theangaichte o ’n Bheurla le V. A. Mac Gille-fhaollain. (A’ chrioch.) DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XVI. Cha robh Domhull fada ’n a shìneadh an uair a thuit e ’n a shuain chadail. Leis cho trom ’s cho sàmhach ’s a bha e ’n a chadal cha dùraigeadh Callum a dhùsgadh. Cha robh norradh cadail a’ tighinn air fhein co dhiubh; agus bha fhios aige, ged a chuireadh e Domhull air a chois gus e fhein a dhol ’na shìneadh ’n a àite, nach leigeadh an t-eagal ’s an iomaguin cadal dha. A bharrachd air sin, na ’n tigeadh creutair sam bith an rathad a chuireadh dragh orra, bha fhios aige nach deanadh Domhull feum mòr sam bith leis a’ ghunna. Thug so air nach do dhùisg e Domhull gus an robh an latha geal ann. Bha deadh theine aig Callum air an uair a dhùisg Domhull. Gun dàil sam bith ròst iad tuilleadh dhe ’n fheòil. Ach cha do ghabh iad mòran dhi; oir bha iad le chéile a’ gearan a’ phathaidh. Bha eagal orra gu ’n cuireadh an fheòil ròiste, ged a bha i ùr, an tuilleadh pathaidh orra, agus o nach robh fhios aca c’uin a thachradh uisge riutha, b’fhearr leotha ’bhith air bheagan bìdh na mòran pathaidh fhulang. Gun dàil sam bith dh’ fhalbh iad feuch an amaiseadh iad air an àite as an d’ fhalbh iad o’n chladach an latha roimhe sid. Ach gu mi-fhortanach, an àite bhith ’deanamh dìreach air an àite as an d’fhalbh iad, is ann a bha ’n aghaidh, mar bu trice, air taobh eile an eilean. Bha iad uair is uair a’ dol mu ’n cuairt mar dhaone a bhiodh air a dhol iomrall ann an ceò. Ach an deigh dhaibh mòran coiseachd a dheanamh, thàinig iad ann an sealladh a’ chladaich mu dheireadh. Cha b’ e toileachadh a rinn iad ris an t-sealladh a chunnaic iad. Cha robh fa’n comhair ach an cuan mòr, farsuinn. Cha robh long sam bith ri fhaicinn faisge air tìr, no fad’ air falbh. Thuit an cridheachan cho mòr le mi-mhisnich ’s gu ’n do shuidh iad far an robh iad. Bha iad gu fannachadh le cion a’ bhidh; oir ged a dh’ fhaodadh iad eòin is ainmhidhean a mharbhadh, bha leithid de chabhaig orra gu faotuinn thun a’ chladaich ’s nach robh iad a’ gabhail sùim do ni sam bith eile. Shuidh iad far an robh iad. Cha robh facal a’ tighinn à ceann fir seach fir dhiubh. Bha ’n cridheachan gu bristcadh leis a’ bhròn ’s leis an dragh-inntinn a bh’ orra. An uair a bha iad greis ’n an suidhe, thuirt Callum, “Cha dean so feum, a Domhuill; feumaidh sinn sinn-fhein a chothuchadh cho math ’s a theid againn air, cho fad ’s a bhios sinn air a chomas. Tha iasg is eòin is ainmhidhean gu leòr air an eilean, agus a bharrachd air sin tha còco agus iomadh seòrsa meas eile ri fhaotainn ann am pailteas. Agus cruaidh ’s mar a tha ar suidheachadh, dh’ fhaodadh cùisean a bhith mòran na bu mhiosa na tha iad.” “Bidh sinn beò cho fad ’s a chì Dia iomchuidh; ach feumaidh sinn gach oidhirp a thabhairt air sinn fhein a chothachadh,” arsa Domhull. Dh’éirich iad as an àite ’s an robh iad ’n an suidhe, agus chaidh iad air feadh na coille a bha dlùth air a’ chladach feuch an tachradh measan riutha. Cha deachaidh iad fad’ air an aghart an uair a thachair measan gu leòr riutha. Cha b’ fhiosrach fear seach fear dhiubh ciod a b’ ainm do chuid dhe na measan, no co dhiubh a bha e sàbhailte dhaibh an itheadh no nach robh; ach o ’n a bha ’n t-acras orra, dh’ ith iad na thàinig riutha dhe gach seòrsa a thachair riutha. Chuir na dh’ith iad dhe na measan an t-acras agus am pathadh dhiubh. Cha do thuig iad riamh gus an lath’ ud gu ’n cuireadh measan am pathadh bhar dhaone; oir cha robh eòlas aca ’nan òige air measan. An uair a chaidh iad sios thun a’ chladaich, dh’ aithnich iad nach b’ ann air an taobh ud dhe ’n eilean a chaidh iad air tìr idir. Thug so orra ’bhith smaointean gu ’m faodadh gu ’n robh an long aig acaire an àit eiginn eile, ged nach robh iad ’g a faicinn. Gun dàil sam bith chaidh iad mu ’n cuairt a’ chladaich air an taobh a tuath dhe ’n eilean, an dòchas gu ’m faiceadh iad long air acaire; ach an uair a ràinig iad an t-àite anns an d’thàinig iad gu tìr an latha roimhe sin, cha robh an long ri ’faicinn. Dh’ aithnich iad gu ’n d’ fhalbh i. Bha ioghnadh gu leòr orra gu ’m falbhadh an sgiobair ’s gu ’m fàgadh e air an eilean iad. Bha fhios aca gu’m bu duine caoimhneil, cneasda ’bh’ ann, agus gu ’n robh meas mòr aige orra le chéile. Agus ged a fhuair e soirbheas fàbharrach, bha iad a’ smaointean gu ’m faodadh e fuireach aig acaire na b’ fhaide na dh’ fhan e, ann an dochas gu ’n tigeadh iad. Chunnaic iad nach robh aca ach feuchainn ri iad fhein a chumail beò cho math ’s a dh’ fhaodadh iad. Chaidh iad astar math mu ’n cuairt a’ chladaich, agus thàinig iad gu bun na h-aimhne a thachair riutha an latha chaidh iad gu tìr. Faisge air bun na h-aimhne so bha creagan àrda, agus aig bonn te dhe na creagan so, shuidhich iad gu ’n togadh iad bothag anns am biodh iad a’ cadal air an oidhche. Thog iad air an fheasgar sin fhein pàirt dhe ’n bhalla. Ach o nach rachadh aca air a’ bhoth aig gu léir a thogail mu ’n tigeadh an oidhche orra, chaidh iad suas do ’n choille gus maidean a ghearradh a chuireadh ceann air a’ bhothaig. Cha robh e furasda dhaibh maidean a ghearradh a chionn nach robh inneal-gearraidh aca ’b’ fhearr na sgeinean-luthaidh. Ach o ’n a bha iad dichiollach, aontach, chaidh aca air fiodh gu leòr a ghearradh air son ceann na bothaig mu ’n d’ thàinig an oidhche. Mu ’n do stad iad chuir iad an ceann air na bha togte dhe ’n bhalla. Fhuair iad connadh gu leòr, agus thog iad deagh theine air beulaobh na bothaig. Chruinnich iad ultach math am fear de dhuilleach nan craobh gu leaba ’dheanamh. Cha robh de bhiadh aca an oidhch’ ud ach beagan de mheasan a thachair riutha an uair a bha iad air feadh na coille ag iarraidh an fhiodha air son na bothaig. Air eagal gu ’n tigeadh creutair sam bith ’nan rathad a chuireadh dragh no tuairgneadh orra fad na h-oidhche, chuir iad tòrr de mheanglain chraobh an taobh a muigh dhe ’n dorus, agus rinn iad deiseil gus gabhail mu thàmh. Mu ’n do leig iad iad-fhein ’n an sìneadh, lùb iad an glùinean, agus chuir iad suas ùrnuigh na bu dhùrachdaiche na rinn iad riamh. Dh’ fhairich iad mar nach d’ rinn iad riamh roimhe, gu ’n robh feum aca air dìon agus gleidheadh a’ Chruithfhir. Agus a bharrachd air so, thug iad fa near nach robh iad a’ deanamh an dleasdanais do Dhia agus do dhaoine cho math agus cho dùrachdach ’s bu chòir dhaibh. Cha robh iad fada ’n an sineadh an uair a thuit iad gu trom ’n an cadal, agus bha ’ghrian an àirde nan speur mu ’n do dhùisg iad. Ged nach ’eil trioblaidean na beatha so ion-mhiannaichte annta fhein, gidheadh tha iad gu tric ’n am beannachd mhòir do dh’ iomadh neach, gu sònraichte dhaibhsan a tha ’faotainn eòlais air nithean spioradail ann an làthean an òige. An uair a tha iad so ’n an éiginn, tha iad air an toirt gu bhith cuimhneachadh nach ’eil neach eile ann a bheir fuasgladh dhaibh an uair na h-éiginn, no ’ghleidheas iad o na cunnartan lìonmhor leis am bheil iad air an cuartachadh, ach Dia a mhàin. Bha ’n dithis sheòladairean so air an teagasg le am pàrantan mu thimchioll nithean spioradail an uair a bha iad óg. Agus ged nach robh iad a’ gabhail mòran sium de na nithean so fhad ’a a bha iad saor o chunnartan ’s o ghàbhaidhean, gidheadh an uair a fhuair iad iad-fhein air an gearradh às o chomunn ’s o chuideachadh dhaoine, thug na chual’ iad ’n an òige mu thimchioll cùram, caoimhneas, agus freasdal Dhé a thaobh dhaoine, misneach mhòr dha ’n cridheachan. An uair a dh’ éirich iad, thug iad taing do Dhia air son na fois a fhuair iad, agus air son mar a ghléidh e iad o chunnartan ré na h-oidhche. Bheothaich iad an teine, agus dh’ fhalbh iad mu ’n cuairt a’ chladaich, agus air feadh na coille feuch am faigheadh iad [TD 323] [Vol. 8. No. 41. p. 3] biadh. Shuidhich iad eatorra fhein nach tugadh iad ceum air falbh gun an gunna, agus nach mò na sin a dhealaicheadh iad ri chéile, air eagal gu ’n rachadh fear aca air chall air an fhear eile anns a’ choille. Cha robh iad fad air falbh an uair a chaidh sgaoth eun seachad dlùth dhaibh. Loisg Callum orra, agus gu fortanach leag e dhà dhiubh. Thug so toileachadh mòr dhaibh. Thill iad air ais gun dáil; agus o ’n a bha iad le chéile suas ri beagan còcaireachd a dheanamh, cha robh iad fad’ a’ deasachadh fir dhe na h-eòin. “Nach e am fortan fhein a chuir na h-eoin oirnn?” arsa Domhull. “Tha gu leòr dhe ’n seòrsa mu ’n cuairt air cladach an eilean, agus o ’n a tha thu fhein cho ealanta air a gunna cha bhi éis oirnn.” “Cha ’n fhaod sinn a bhi ’losgadh air na h-eóin ach glé ainneamh. Feumaidh sinn am fùdar ’san luadhe ’chaomhnadh cho math ’s is urrainn duinn; oir cha ’n eil fhios nach fhaod daoine fiadhaich agus fiadh-bheathaichean a bhith air an eilean. Ma chaitheas sinn ar cuid fùdair is luaidhe ’sealg air eóin, is dòcha gu ’m bi sinn glé éiseil as an aonais an ùine gun bhith fada. O ’n a tha thu fhein cho math air glacadh éisg, cha bhi dìth oirnn. Am freasdal a chuir na h-eòin oirnn an diugh, is dócha gu ’n cuir e ni eiginn eile ’nar rathad am màireach. Mur ’eil daoine fiadhaich no fiadh-bheathaichean air an eilean cha ’n eagal dhuinn ged a bhiomaid latha ’s bliadhna ann. Cùm thusa suas do mhisneach, a Dhomhuill; cha ’n eagal dhuinn ma bhios làmh a’ Chruithfhir leinn, agus bidh i leinn gun teagamh ma chuireas sinn ar n-earbsa ’n a fhreasdal.” “Ach ma bhios sinn fad air an eilean so teirgidh ar cuid aodaich, agus bidh sinn rùisgte,” arsa Domhull. “Na biodh cùram ort mu dhéidhìnn sin. Nach math na deiseachan a ni sinn air craicinn nam fiadh? Nach bu mhath an deise a dheanadh an craicionn a bh’ air an fhear a mharbh sinn air a mho’n de! Na biodh mór-chùram ort mu thimchioll an latha màireach. Is leòr do ’n latha ’olc fhein. Is ann an diugh a tha mi cuimhneachadh gu ’n dubhairt mo mhàthair rium uair is uair gur e an dóigh a’s fhearr do dhuine feuchainn ri ’dhleasdanas a dheanamh a h-uile latha mar a thig, agus ’earbsa ’chur ann am freasdal Dhé. (Ri leantuinn.) Tha a ghorta fhathast gle chruaidh anns na h-Innsean an Ear. Ann an Madras, shil uisge o chionn ghoirid, agus rinn sin leasachadh air cor an t-sluaigh, ach ann an cearnan eile de dh’ India ’s ann a’ dol na’s miosa tha ghort a’ dol gach latha. Tha biadh us uisge gle ghann, agus tha’n sluagh bochd a fulang gu mor leis an teas. SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. VII. Chaidh Hasan air ais do ’n t-seomar; agus ann am beagan fhacal, dh’ innis e do Bhean na Maise, mar a bha eadar e fhein agus Nouredin, a chum nach gabhadh i gu h-olc ged a bhuailteadh buille no dhà oirre. Thug e leis air laimh i far an robh Saoudhaidh, agus e air muín an eich aig an dorus. “Mo thighearna, sin agaibh an t-searbhanta; is e ur cuid i; thugaibh leibh i,” ars esan. Mu ’n do tharr Hasan ach gann na facail so a radh, rug Nouredin air Bean na Maise, agus tharruinn e g’a ionnsuidh i; agus an uair a thug e buille dhi anns a’ chluais, thuirt e, “Trobhad an so, a chreutair gun mhodh, agus bi gabhail dhachaidh a rithist. Air son do dhroch nadair thug mise mo mhionnan gu ’n tugainn an so thu, ged nach robh duil sam bith agam do reic. Tha obair agam dhut fhathast; agus foghnaidh dhomh do reic an uair nach bi feum sam bith agam ort.” Chuir an ni so a rinn Nouredin corruich mhor air Saoudhaidh. “A thruillich thruaillidh,” ars’ esan, “am b’ aill leat a thoirt orms a ’chreidsinn gu ’m bheil ni sam bith eile agad leis an dean thu airgiod ach do shearbhanta?” An uair a thuirt e so, thug e spuir do ’n each an rathad a bha Nouredin, agus thug e ionnsuidh air Bean na Maise a thoirt leis. Bhrosnaich so nadar Nouredin cho mor ’s gu ’n do leig e as an greim a bh’ aige air Bean na Maise, agus an uair a rug e air srian an eich, chuir e a dha no tri cheumannan air ais e. “A sheann sgraoit,” ars’ esan ris an ard-chomhairleach, “chuirinn an t-anam asad air a’ mhionaid mur b’ e gu ’m bheil meas agam air an t-sluagh a tha ’lathair.” Cha robh tlachd aig neach sam bith de Shaoudhaidh; an aite sin, is ann a bha grain aig na h-uile air. Bha iad gu leir toilichte a chionn gu ’n d’ thug Nouredin tamailt mhor dha. Agus leig iad ris do Nouredin gu ’m faodadh e, nan togradh e, a dhiol dioghaltais a dheanamh air an ard-chomhairleach, agus nach rachadh a h-aon diubh anns an eadraiginn. Thug Saoudhaidh oidhirp air srian an eich a thoirt a laimh Nouredin; ach bha e ’na dhuine og, laidir, agus o ’n a chunnaic e gu ’n robh an sluagh air a thaobh, leag e Saoudhaidh bhar muin an eich ann am meadhain sruthain, agus ghabh e dha leis na duirn gus an robh e sgith, agus bhuail e a cheann ris na clachan gus an robh ’fhuil ’g a dhalladh. Thug na seirbhisich a bha comhladh ri Saoudhaidh lamh air na claidhnean a bh’ orra gus Nouredin a mharbhadh, ach chaidh na marsantan anns an eadraiginn. “Ciod a tha sibh a’ dol a dheanamh?” arsa fear dhiubh. “Nach ’eil sibh a’ faicinn gur ard-chomhairleach fear dhiubh, agus gur mac ard-chomhairlich am fear eile? Leigibh eatorra fhein. Is docha gu ’m bi iad fhein reidh gu leor uair eiginn fhathast. Ach ma mharbhas sibhse Nouredin, cha ’n urrainn bhur maighstir, a dh’ aindeoin cho cumhachdach ’s gu ’m bheil e, bhur dion o ’n lagh.” An uair a bha Nouredin sgith a’ gabhail air Saoudhaidh, dh’ fhag e ’na shineadh ann am meadhain an t-sruth e; agus dh’ fhalbh e dhachaidh le Bean na Maise, agus an sluagh ’na dheigh, agus iad a’ deanamh iolach ghairdeachais a chionn mar a rinn e. Bha Saoudhaidh, an t-ard-chomhairleach, air a bhruthadh gu mor leis na fhuair e de throm bhuillean, agus bha e air a thamailteachadh an uair a a chunnaic e e-fhein lan puill agus fala. Le cuideachadh nan seirbhiseach, chaidh aige air eirigh. Dh’ fhalbh e mar a bha e, agus seirbhiseach fo gach achlais aige, direach do chuirt an righ, ann an sealladh an t-sluaigh, agus gun truas aig duine sam bith ris. Cho luath ’s a rainig e an luchairt, thoisich e ri gul ’s ri caoidh, agus ri iarraidh ceartais. Thug an righ ordugh a leigeadh a steach, agus cho luath ’s a chaidh e steach, dh’ fheoraich an righ dheth, co rinn an droch dhiol air, agus a dh’ fhag anns an t-suidheachadh thruagh ud e. “Le ’r cead, a righ,” arsa Saoudhaidh, “is e am fabhar a tha bhur morachd a’ toirt dhomh, agus a chionn gu ’m bheil mi ’nam ard-chomhairleach, is aobhar gu ’m bheil mi anns an t-suidheachadh so.” “Na abair an corr m’ a dheidhinn sin,” ars’ an righ; “innis dhomhsa an naigheachd gu leir, agus co rinn an droch dhiol ort. Ma tha e ciontach, faodaidhh tu bhith cinnteach gu ’n deanar dioghaltas air.” Thoisich Saoudhaidh ri innseadh a naigheachd, agus thuirt e, “Le ’r cead, a righ, thachair gu ’n robh feum agam air bana-chocaire, agus chaidh mi do ’n mharagadh a cheannach te. An uair a rainig mi, bha te air a cur suas aig ceithir mile bonn oir. Thug mi ordugh a toirt ’nam lathair, agus tha mi ’smaointean nach do sheall mo shuil air aon bhoirionnach riamh cho briagha rithe. Cha bu luaithe a chunnaic mi cho briagha ’s a bha i na dh’ fheoraich mi co dha bhuineadh i. Agus fhuair mi am mach gur e Nouredin, mac Chacain, an t-ard-chomhairleah nach maireann a bha ’g a reic. Tha cuimhne aig bhur morachd gu ’n d’ thug sibh o chionn a dha no tri bhliadhnachan, deich mile bonn oir do ’n ard-chomhairleach ud gus searbhanta maiseach a cheannach dhuibh. Gun teagamh sam bith thugadh seachad an t-suim ud air son a’ cheart shearbhanta a chunnaic mise; ach an aite a toirt dhuibhse, thug e dh’ a mhac fhein i, o ’n a bha e ’smaointean gu ’m b’ e a b’ fhearr an airidh oirre. Chosg Nouredin a chuid gu leir o ’n a dh’ eug ’athair; agus o ’n a chosg e a chuid ann an ruidhteireachd agns ann am mi-bhuil, cha robh dad aige ri reic ach an t-searbhanta, agus mu dheireadh bha i air a reic ’na ainm. Chuir mi fios air; agus gun ghuth a thoirt air na mearachdan a rinn ’athair, agus air an doigh chealgaich anns an do bhuin e ruibhse, thuirt mi ris gu modhail, “A Nouredin, tha mi ’faicinn gu ’n do chuir na marsantan suas do shearbhanta aig ceithir mile bonn oir, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach cuir iad, leis an strith a tha eatorra, suas a’ phris gu math na ’s airde. Bheir mise ceithir mile bonn oir oirre. Tha mi ’dol g’ a ceannach do ’n righ ar tighearna agus ar maighstir. Bheir so cothrom math dhut air thu fhein a chur a staigh air; agus is fhearr dhut fabhar an righ na na gheibh thu de dh’ airgiod a bharrachd o na marsantan.” An aite freagairt mhodhail a thoirt dhomh, is ann a sheall an truilleach mi mhodhail orm le gruaim thaireil, agus thuirt e, “A sheann sgraoit sgreamhail, b’ fhearr leam gu mor mo shearbhanta a thoirt an nasgaidh do dh’ Iudhach na ’toirt dhutsa air son airgid.” “A Nouredin,” arsa mise, agus mi ’labhairt gu ciuin, siobhalta ris, ged a bha a h-uile aobhar agam a bhith ann an corruich, “cha ’n ’eil thu ’toirt masladh do ’n righ le bhith ’labhairt air an doigh sin, an deigh dha urram mhor a chur ormsa agus air d’ athair.” “An aite fas siobhalta an uair a thug mi a’ chomhairle so air, is ann a bha e na bu chrosda na bha e roimhe. Agus mar sin, ghabh e dhomh mar gu ’m biodh an caothach air, agus gun urram a thoirt dhomh air son m’ aoise agus mo shuidheachaidh, leag e bhar muin an eich mi, ghabh e dhomh gus an robh e seachd sgith, agus dh’ fhag e mi anns an t-suidheachadh thruagh anns am bheil sibh ’g am fhaicinn. Tha mi guidhe oirbh gu ’n toir sibh fa near gur ann air bhur son a dh’ fhuiling mise am masladh follaiseach so.” An uair a chuir e crioch air na briathran so, thionndaidh e a chul ris an righ, chrom e a cheann, agus thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach. An uair a chual’ an righ mar a thachair, air dha bhith meas gu ’n d’ thugadh masladh mhor dha, agus o ’n a bha e gu nadarra lan cuilbheirt is miruin, thainig coltas na teas chorruich air a ghnuis. Thionndaidh e gu grad ri ceannard an fhreiceadain a bha ’na sheasamh laimh ris agus thuirt e, “Thoir leat fichead saighdear, agus spuin an taigh aig Nouredin; agus an uair a bheir thu ordugh a h-uile clach dhe ’n taigh a leagadh gu lar, thoir e fhein agus an t-searbhanta an so do m’ ionnsuidh-sa.” Mu ’n gann a dh’ fhalbh ceannard (Air a leantuinn air taobh 326.) [TD 324] [Vol. 8. No. 41. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS“MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, MAIGH 18, 1900. A Framboise. FHIR-DEASACHAIDH:—Faodaidh e bhi gu’n robh thu ’n dùil gun deachaidh mi gu ruige Africa mu Dheas a chogadh ris na Boerich ’nuair nach cuala tu bhuam bho cheann fhada. Ach cha deachaidh mi ann; chaidh feadhainn a b’ fhearr na mi ann, agus gu leòir a chaidh ann, mo thruaighe, nach tig as. Nach muladach an ni gu e bhi air aithris gu bheil cuid de na ceann ardan Breatunnach air uairibh a’ call dhaoine nach ruigeadh a leas a bhi air an call. Tha e doirbh dhuinn a thuigsinn co-dhiu tha no nach eil, ach tha sinn cinnteach nach eil ainm no tiodal a dol a dhearbhadh nach faod neach uair is uair tuisleadh ann an cluich airm cho math is ann an dòigh air bith eile. Agus ged nach biodh ann ach gillean an fhéillidh féin tha sinn a’ creidsinn gu dean iad ni sam bith ach ni a tha do-dheannta an àm dhaibh a bhi cogadh ’n namhaid, ach feumaidh Breatuinn iomadh laoch a chall, ach thig buaidh air a cheann mu dheireadh, agus cha bhi guth air riaghladh Chrugair bhochd tuilleadh, mar a bithear ’ga leughadh ann an eachdraidh na naothamh linn deug. Bha moran bruidhne ’s othail ’ga dheanamh fad a gheamhraidh mu thimchioll rathad-iaruinn a bhi air a thogail air taobh a deas an eilean eadar Caolas Chanso agus Louisburg, ach a nis cha cluinn sinn guth mu dheibhinn. Thug an riaghladh againn ionnsuidh air a thogail da uair bho cheann aireamh bhliadhnaichean agus a nise tha da chuideachd a mhuinntir na Staidean air ionnsuidh fa leth a thoirt air, aon diu sin air an fhoghar s’a chaidh, agus cha’n eil fhios co aca ’s fhearr no is miosa dhiubh gu leir. Shaoileamaid gur a h-iadsan a tha gabhail os laimh ar dùthaich a riaghladh gu ceart, a bu choir feuchainn ri feum a dheanamh dhuinn ach mur a h-ann airson am math fein a mhain a tha iad ri leithid a chleasachd, cha’n aithne dhomh gu de an ni eile tha ’san amharc aca. ’Nuair a thig iad sud air feadh na duthcha saoilidh neach gur h-iad cairdean a’s fhearr a th’ agad, agus bheir iad ma’s urrainn daibh, a chreidsinn ort gu bheil rathad iarainn ri bhi air a thogail air ball, ’s gu’n tig e cho faisg air gach neach ’s gu’n teid e eadar a chlann bheag ’san teine; ach an uair a gheibh iad buaidh meallaidh mar so thairis air iomadh neach, an sin basaichidh gach gealltanas, gach each-iaruinn, ’s gach ni eile, agus fa-dheòidh bàsaichidh iad fein mar an ceudna. Ged nach robh dad sam bith de shneachda againn ’sa gheamhradh s’a chaidh, tha sinn cho fada air deireadh leis a churachd ’sa bha sinn bho chionn fhada, ’s ged nach robh rothadh faisg cho cruaidh ’sa b’ àbhaist, fhuair e cothrom air a dhol ni bu doimhne d’an talamh na bha sinn an duil ’s dh’ fhag sin an talamh fuar airson an t-sil. Tha iasgairean nan giomach gu trang a deanamh deiseil airson a chreutair spàgaich ud a ghlacadh. Tha pris meadhonach math air am bliadhna, ach tha gach ni a dh’fheumas an t-iasgair a cheannach moran ni’s daoire na bha e bho chionn fhada. Tha na ròpan faisg air a dha phris ’sa àbhaist, ach tha daoine ag radh gur e is aobhar dha sin an cogadh tha aig na Stàidean anns na Phillipines, aiteeachan anns am bheil moran de stuth nan ropan a fàs. Ach ni gle iongantach, cha d’ thainig dad idir de’n deigh mhoir air na cladaichean so am bliadhna; ’se bliadhna ro ainneamh nach facas i gus am bliadhna, ’s ge be taobh a thug na cailleachan mora deigh ud orra cha d’ thainig iad an taobh-sa, “agus seachd suil mhara dhaibh.” Ach air a shon sin dheth, ged a chagnas ’sa phrannas iad gach lion ’s gach ròp a bhios aig na h-iasgairean an cur ’nuair a thig iad, cha dubhairt iad riamh gu bu dubh an t-sùil a bha na d’ cheann. Agus ged nach eil na cailleachan a tha againn air tir a faisg cho mor ruitha ni iad air uaidh moran a bharrachd gleadhraich. Maigh, 1900. CEANN LIATH. $400 do luchd-ceannaich Union Blend Tea. Iuchair agus cairt anns gach pasg puinnd. Tha muinntir nan Staidean gu bhi taghadh ceann suidhe air an fhoghar s’a tighinn. Air taobh na Republicans ’se McKinley a bhios a ruith air son nn dreuchd, ach cha’n eil cinnt fhathast co chuireas na Democrats a ruith. Tha cuid dhe’n bharail gu ’m bi Grover Cleveland air a roghnachadh leotha, ach bha esan anns an Tigh Gheal ochd bliadhna roimhe, an ùine ’s fhaide, a reir cleachdadh na duthcha, dh’ fhaodas aon duine bhi ann, agus cumaidh sin an sluagh o ghabhaail ris mar a ghabhadh iad ri duine nach do chuir a stigh an aonnta sin. Tha Uilleam J. Bryan air ainmeachadh le feadhain eile; b’ esan a ruith ann an 1896. Tha’n t-Admiral Deorsa Dewey deònach ruith, ma gheibh e ’n cothrom, ach tha e car teagmhach am faigh e sin. A reir gach coltais, cia air bith a ruitheas na aghaidh ’se Mac Fhionnlaidh a gheibh a stigh, oir ged nach eil e-fhéin no a phairtidh a toirt làn riarachadh do ’n t-sluagh no a riaghladh na dùthcha cho math ’sa dh’ fhaodadh iad, tha iad gun teagamh na’s airde ann am meas an t-sluaigh na tha iadsan uile tha nan aghaidh Iain Mac Phaidein. Rugadh am bàrd so ann am Baile-mhuilinn anns an Eilean Mhuileach. ’Nuair a bha e na ghill’ òg bha e greis mhath a chòmhnuidh mu Ardrishaig. Thainig e as a sin do Ghlaschu far a bheil e nis a chòmhnuidh. Anns a bhliadhna 1890 chaidh a bhàrdachd, cho math ri sgeul ait no dha a chlo-bhualadh ann an leabhar ris an abrar “An t-Eileanach.” Bha a leithid de mhiadh air an leabhar so ’s gu bheil e nis tearc ra fhaotinn. Bho ’n a chaidh am Mòd a chur air bonn tha e bliadhna ’n deigh bliadhna am measg na muinntir a tha cosnadh dhuisean an da chuid airson bàrdachd agus sgeulachdan. Tha moran de na h-òrain a sgriobh e ait, agus tha iad da rireadh aighearrach ’nuair a sheinneas e fhéin iad. Tha e moran ni’s fearr géilleadh ann an mthibh beaga, na connsuchadh a dhùsgadh suas. Tha e ’na chleachdadh aig cuid a bhi ’seasamh gu dian air son an dlighe fein dh’ aindeoin a shuaraichead. Is minic tha ’n giulan so a’ togail aimhreitean nach furasd an casgadh. Tha beatha an duine tuilleadh ’s goirid aìr son connsnchaidh gu’n diu dhe’n t-seorsa so. Agus mar bi a’chùis mòr agus cudthromach ’se a’s glice gu’n teagamh agus a’s lugha trioblaid striochdadh ann an neoni, na bhi coisreach an comhstri sam bith a dheanamh. Tha fior ghliocas “air tùsan, agus an deigh sin siochail.” BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. ’GAN CREIC SAOR. C. V. Wetmore, Urrasachad Teine, Beatha, Sgioarrdh, agus Leac Glaine. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. STOR ADAN. Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh. H. H. MAGEE. Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY. May 3, ’00—1 yr. [TD 325] [Vol. 8. No. 41. p. 5] NAIGHEACHDAN. Thainig a cheud shoitheach smùide á Montreal air an earrach so a stigh air an t-seachdain s’a chaidh. Bha duin òg a mhuinntir Arichat air chall ann an Sidni fad dha no tri sheachdainean o chionn ghoirid, ach an deigh beagan saoithreach a fiosrachadh mu dheibhinn, fhuaireadh e beò, slan, am measg nan Eadailteach, ’s e ’g obair a h-uile latha. Tha dubhar iomlan gu bhi air a ghréin air an ochdamh latha fichead dhe ’n mhios so, a toiseachadh mu naodh uairean ’sa mhaduinn. Bidh an dubhar so ri fhaicinn an Ceap Breatunn, a cheud uair ann an àireamh mhor bhliadhnaifhean. Anns an àireamh mu dheireadh dhe’n phaipeir so, rinneadh iomrall a thaobh ainm a mhinisteir a tha tighinn do Phort Morien. Rinn sinn Coinneach I. Mac Coinnich dheth, ach ’se th’ ann Coinneach I. Domhnullach, air am bheil moran de ar leughadairean ann an Ceap Breatunn eòlach. Chaidh dithis Eadailteach bhar a cheile Di-satharna s’a chaidh, agus anns an tuasaid a bh’ aca, chaidh fear dhiubh a lot gu dona mu’n amhaich le sgian an fhir eile. Theich am fear a rinn an stobadh, ach an ceann dha no tri lathaichean chaidh a ghlacadh, agus tha e nise ’sa phriosan feitheamh ri bhi air fheuchainn aig cùirt. Chaidh Eadailteach a mharbhadh aig an obair-iaruinn air an t-reachdain s’a chaidh, le bhi air a ghlacadh ann an aon de chuidhlichean na h-inneil a bha ’g obrachadh an cement. Bha e air a mhilleadh gu h-eagallach. Chaidh a thiodhlacadh Di-dónaich, agus lean àireamh mhor de cho-luchd-dùthcha a dh’ ionnsuidh na h-uaghach e. Oidhche Di-satharna s’a chaidh bha duine daoraich air a ghlacadh air son a bhi ri bóilich ’s ri troimhe-chéile air an t-sraid. Chuir e ’n aghaidh nam maor a chaidh g’a thoirt doir phriosan, agus ’nuair a bha iad a’ feuchainn ri cheannsachadh, thuirt e, agus bhristeadh a chas beagan os cionn an aobrainn. Tha e nise ’na laidhe ’san tigh-eiridinn far am bi e gus an slánuich a chas. Cha ’n eil coire ’n giorraidh ri chur air neach sam bith ach air fhéin. Chaidh aon de charbaid an rathaid-iaruinn a losgadh gu dona, aig a chala oidhche na Sàbaid s’a chaidh. Bha dithis dhaoine ’nan cadal innte ’nuair a ghabh i teine, agus cha robh ann ach gu’n d’ fhuair iad as le ’m beatha. Caaill iad an cuid aodaich oidhche ’s latha leis cho cas ’sa thainig an teine orra. Fhuaireadh an teine chur as mu’n do loisgeadh ach an taobh a stigh dhein charbad; agus an ath latha chaidh a chur air falbh gu Moncton gu bhi air a chàradh. Chaochail fear Iain Lockerby anns an Charlottetown, E. P. I., air an darra latha deug dhe’n mhios so, ’se ceud us da bhliadhna ’s ceithir miosan a dh’ aois. Rugadh e ann an Alba agus thainig e nall ’nuair a bha e da bhliadhn’ aìr fhichead. Bha e fuireach ann an Cavendish a chuid mhor dhe bheatha, ’far an robh e na dhuine gle mheasail, cliùiteach. Bha e ’na eildear anns an eaglais Chleirich. O chionn dheich bliadhna fichead bha e fuireach anns a bhaile. Cha’n eil moran ri aithris mu’n chogadh air an t-seachdain so, oir cha’n eil moran naigheachdan a’ tighinn. Tha e fàs soillear gach latha gu bheil na Boers a fàs lag, agus a’ call an misneich, agus ’si bharail chumanta measg dhaoine nise gu’n bi crioch air a chogadh mu mheadhon an t-samhraidh. Chaidh baile Sandon, an Columbia Bhreatunnach, anns an robh da mhile sluaigh a losgadh air a cheathramh latha dhe’n mhios. Tha àireamh de na meinnean a’s fhearr ’s an roinn timchioll air a bhaile sin. Bha an sluagh an deigh suim airgeid a chur cruinn air son muinntir Hull latha no dha mu’n d’ thainig an sgrios orra fhéin. Air Dior-daoin, an treas latha dhe’n mhios bha dithis bhràithrean d’ am b’ ainm Redoubt air am bàthadh aig New Haven, an siorrachd Victoria. Bha iad a mach ag iasgach, agus air an tilleadh chaidh am bàta thairis. Chunnacas bho thir iad, ach cha robh bàta ri fhaotainn gus a dhol g’un cuideachadh. Cha d’ fhuaireadh an cuirp fhathast. Cha robh fear de na gillean ach seachd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear eile seachd bliadhna fichead. Air an t-seachdain s’a chaidh, thug sinn iomradh air fear-deasachaidh an Telephone, am Baddeck, a bhi air a chur an greim le cléireach na siorrachd air son a bhi ’ga chaineadh ’sa phaipeir. Sheas e cùirt, agus o nach robh e ri fhaicinn gu’n d’ rinn e cionta sam bith, chaidh a shaoradh. Anns an àireamh mu dheireadh dhe’n Telesphone a fhuair sinn tha làn-chunntaair a thoirt seachad air a chàs, o thoiseach gu deireadh, agus air faireachduinean an fhir-deasachaidh roimh agus an deigh latha mor na cùrtach; air cho dorcha dubh ’sa bha ’n saoghal ’na shuilean an uair a bha am priosan a fosgladh a bheòil m’a choinneamh, deiseil gus a shlugadh, agus cho briagha, grianach ’sa bha’n saoghal ceudna ’g amharc an deigh do ’n fhear-ceartais, o nach robh sùil aige ri tròcair sam bith, breith a thoirt a mach a rinn duine saor dheth. Tha sinn toilichte gu bheil ar caraid á cunnart. Tha deuchainnean agus trioblaidean gu leòr a coinneachadh ri luchd-deasachaidh nam paipearan anns a bheatha so, ged a dh’ fhàgte saor o eagal a phriosain iad. POSAIDHEAN. Ann an Roxbury, Mass., April 25, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Domhnull I. Mac Fhearghals, agus Mairi Dhomhnullach, le cheile mhuinntir Nobha Scotia. Ann am Brookline, Mass., April 25, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Iain R. Mac Sheumais, agus Iseabal Douglass. Ann an Roxbury, Mass., April 25, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Uilleam B. Smith, a Charlottetown, P. E. I., agus Seonaid A. Dawson, a Ceap Breatunn. Ann am Boston, April 27, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., W. E. Doyle, a Maine’ agus Anna Harvey, a Nobha Scotia. Ann am Boston, Mai 1, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Iain F. Kelly agus Seonaid Chapman, le cheile a Glascho. Ann am Boston, Mai 1, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., an t-Urr. Eanruig W. Cleireach agus Mairi E. Treadwell. Ann am Boston, Mai 2, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. D., Padruig.Obeon, a Kingston agus Mrs Abbey Howard, a Nobha Scotia, SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. SYDNEY CASH STORE. Cuim-Leintean, Iochdair, agus Deiseachan Do na Mnathan. Deiseil gu’n cosg, aig J. C. MILLS, - - - Sidni. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. Tha a’ bhliadhna 1900, a reir gach coltais, gu bhi iomraiteach ann an eachdraidh Cheap Breatunn a thaobh side. Tha seann daoine tha ’nar measg ag radh nach fhac’ iad riamh roimhe geamhradh cho briagha blàth no earrach cho fadalach fuar ’sa bh’ againn air a’ bhliadhna so. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. [TD 326] [Vol. 8. No. 41. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 323.) an fhreiceadain a lathair an righ, chaidh oifigeach a bhuineadh do ’n chuirt, agus a chual’ an t-ordugh a thug an righ seachad, le cabhaig far an robh Nouredin. B’ e Sangiar a b’ ainm do ’n oifigeach so; agus bha e roimhe sid ’na sheirbhiseach aig Cean. B’ e Cacan a b’ aobhar gu ’n d’ rinn an righ oifigeach dheth. Bha Sangiar ro thaingeil air son na rinn a sheana mhaighstir air a shon; agus o ’n a b’aithne dha Nouredin o laithean ’oige, agus o ’n a bha lan fhios aige gu ’n robh fuath mor aig Saoudhaidh do theaghlach Chacain, chuir an t ordugh a thug an righ seachad dragh mor air an inntinn aige. Thuirt e ris fhein, “Faodaidh nach ’eil an obair a rinn Nouredin cho fior olc ’s a tha Saoudhaidh a’ cur an ceill do ’n righ. O ’n a thug e air an righ tionndadh ’na aghaidh, is cinnteach gu ’n cuirear gu bas e gun chead fhaotainn air e fhein a dhion.” Rinn Sangiar a leithid de chabhaig ’s gu ’n robh e aig taigh Nouredin beagan uine mu ’n d’ rainig ceannard an fhreiceadain agus na saighdearan. Bhuail e cho laidir aig an dorus ’s gu ’n do ghrad dh’ fhosgail Nouredin fhein e, o nach robh aon de ’n luchd-muinntir aige anns an àm. Dh’ innis e gu grad mu ’n ordugh a thug an righ seachad, agus thuirt e, “Mo mhaighstir gaoil, cha ’n ’eil e sabhaite dhut fuireach na ’s fhaide ann am Balsora. Bi falbh a dh’ aite eiginn eile cho luath ’s a rinn thu riamh ’na do bheatha.” “C’ar son so?” arsa Nouredin. “C’ar son a dh’ fheumas mi falbh cho cabhagach sin?” “Greas ort, agus thoir leat an t-searbhanta,” arsa Sangiar. “Tha ceannard an fhreiceadain a’ tighinn le dà fhichead saighdear gus thu fhein agus Bean na Maise a ghlacadh. Thoir leat an da fhichead bonn oir so. Cuidichidh iad thu gus aite sabhailte fhaotainn. Na ’n robh an corr ’nam laimh, bheirinn dhut e gu toileach. Gabh mo leithsgeul; oir feumaidh mi grad fhalbh, ged nach ann le m’ dheoin. Is e mi ghrad fhalbh a’s fhearr dhuinn le cheile. Ged a chitheadh ceannard an fhreiceadain mi, cha chuir e dragh sam bith orm.” Dh’ fhalbh Sangiar mu ’n gann a fhuair Nouredin uine gu taing a thoirt dha. (Ri leantuinn.) I Challuim Chille, MO CHAIRDEAN:—Thachair rud an uiridh a’ ’n co cheangal ri Eaglais na h-Alba ’s a Ghaidhealtachd a tha ro aiaid ri thairt fainear ’us ri innseadh. Bho chion dà bhliadhna rinneadh iomradh anns an duilleag so air mar a chumadh cuimhne air bàs an naomh ainmeil sin Calum Cille a thachair ann an Eilean I. anns a bhliadhna 597. Tha fathast ri ’m faicinn ballachan an t-seann àrd-eaglais mhòr (Cathedral) mu dheireadh a thogadh a’ ’n I., cha’n ann ri linn Chaluim Chille ach iomadh ceud bliadhna na dhéigh. Tha na ballachan so, a tha gle àrd ’us gle fhada, cho laìdir sa bha iad riamh, agus buinidh iad, mar a bhuineas an t-Eilean uile, do Dhìuc Earraghaidheal (Mac-Cailean-Mòr). Chunnaic an Dìuc iomchuidh air a bhliadhna so chaidh làrach na seann eaglais mhòr so, agus na ballachean, agus an cladh mun cuairt orra a thoirt suas do dh. Eaglais na h-Alba, agus an ceangal rithe le bann laghail gu brath. Tha ceuman gu bhi air an gabhail leis an Eaglais gun dàil gu airgisd a chruinneachadh (theirear gu’m feum e £20,000), chum an t-seann aitreabh so a thogail suas, agus a chuir na làn uidheam mar thigh-aoraidh. Cha ruigear a leas a radh gu’m bheil sinn mar Eaglais a saoilsinn mòran de ’n tiodhlac eireachdail so bho’n Dìuc. Is toil-intinn nach beag e gur ann fo riaghladh creidimh agus Eaglais na rioghachd bhitheas, a so suas, an t-ionadh ainmeil sin a mach bho’n deachaidh solus an t-soisgeil gus na dùthchan na so uile. Shaoil mi gu’m biodh e araon feumail agus taitneach beagan fiosrachaidh a thoirt mu eachdraidh an Eilean ainmeil so. Agus, ar leam, gur e na tha air a chuir sios anns an “Teachdaire Gaidhealach,” leis an Dr. Macleoid, (“Caraid nan Gaidheal”), mu thurus a ghabh e fein agus cuideigin eile do’n Eilean, an t-aon chunntas a’s fearr a th’againn mu’n chùis. Air an aobhar sin tha rùn orm an cunntas sin a tharruing as an “Teachdaire,” agus a chur sios an so mar a leanas:— “I CHALUIM CHILLE—Buinidh an t-Eilean ainmeil so do Sgireachd an Rois Mhuilich. Tha e trì mile air fad, agus mìle air leud. Chaidh sinn air tir aig Camus-nam-Mairtireach, an t-àit’ anns am b’àbhaist doibh cuirp nan daoin’ a dh’adhlaiceadh ’s an Eilean so a chur air tìr. Beagan os ceann a’ Phuirt so tha àit’ air a chuartachadh le seana bhalla cloiche, ris an abair iad Clachan-nan-Druidhneach, far am bu ghnàth leis na Druidhnich (Druids) a bhi air an adhlachadh, ri linn an Eilein so ’bhi aca, mu’n d’thàinig Calum Cille ’s a luchd-leanmhuinn ann; oir ann an seann eachdraidh Eirinn ’s e Eilean-nan-Druidhneach a b’ainm dha. Ghabh sinn air ar n-aghaidh a dh’ionnsuidh làrach tigh nan Cailleacha-dubha (Nuns). Bha’n eaglais aca so ochd-troidhe-deug ’us dà-fhichead air fad, agus fichead troidh air leud. Tha leac-lighe na ban-Aba (Abbess) mu dheireadh a bha ’s an Eilein r’ a faicinn a stigh air ùrlar na h-eaglais; tha a cruth air a shnaigheadh air an lic, agus aingeal air gach taobh fo thaic a cinn. Air ceann eile na lice tha dealbh na h-Oighe Muire, le coron air a ceann agus an Naoidhean Iosa ’n a gàirdeanaibh. Mu’n cuairt air an lic tha air a chuir sios ann an Laidinn—:“Na luidhe ’an so tha Baintighearn Anna ni’ ’ic Dhòmhnuill ’ic Theàrlaich, a b’ àrd bhan-Aba an I, ’s a chaochail ’s a’ bhliadhna 1511; a h-anam tha sinn a tiomnadh do’n Tì a’s àirde.’ Air an t-slighe chum na h-eaglais àirde tha crois Mhic-’Illeathain—clach eireachdail, air a snaigheadh gu h-innleachdach. Bha e na chleachdadh cumanta anns na linntibh sin, croisean de’n t-seòrsa so a thogail, ma dh’fhaoidte chum an ainm ’s an cuimhne ’chumail suas; agus, is dòcha, mar thaisbeanadh air meud an urraim Dha-san a cheusadh air a chrann. Tha e air a radh gu’n robh trì cheud ’us trì fichead dhiubh so aon uair ’s an Eilean, ach gu’n do mhilleadh a chuid bu mhò dhiubh le òrdugh Ard-sheanadh Erraghàidal, agus ’a chuid nach do mhilleadh mar so thugadh air falbh, agus chithear iad gus an latha ’n diugh ann an iomadh àite feadh na rìoghachd. (Ri leantuinn.) L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Men often dress in bad taste without knowing it. If you wear Shorey’s Clothing you cannot be otherwise than correctly dressed. Shorey’s 4 Button Sack Kilmarnoc Tweed Suits, Retail at $12.00. They are as good as any one wants for a business suit and better than you can get to order for $20.00. Sold only by the best dealers, and guaranteed in every particular. Not made to order, but made to fit. [TD 327] [Vol. 8. No. 41. p. 7] Maili Bheag Og. Tha seann oran eile air am bu mhath leam beagan a ràdh—an t-òran tiamhaidh sin “Maili bheag òg.” Tha ’n t-òran so fior shean. Tha e ann an clò ann an leabhar an Stiùbhairtich ’sa bhliadhna 1804, fo ’n ainm “Oran Cumhaidh le fleasgach og.” A reir beachd an Ollamh Urramaich Tormaid MacLeod—“Caraid nan Gaidheal”—chaidh an t-oran so a sgriobhadh le òganach do’m b’ ainm Lachunn Ogai a bhuineadh a dh’Eirinn, mu mheadhon na linn a chaidh seachad. Thuit e’n gaol air nighinn aluinn, a b’ airde inbh na e fhein. Ghabh Lachunn ’s an arm agus an déigh beagan bhliadhnachan thill e shireadh a leannain. Bha ise dileas dha agus ’se bh’ ann gu’n do theich i leìs. Chaidh tòir as an déigh, agus air maduinn Dhi-dòmhnaich thàinig a mharc-shluagh orra ann an gleann tireil. Bha Lachunn math air a’ chlaidheah, agus tharruing e e a dhion a leannan. Mar a bha’m mi-fhortan an dan chaidh ise eadar a leannan agus a bràthair agus fhuair i buille a bàis o laimh a leannan. ’Nuair chunnaic esan mar thachair thuit a laimh ri thaobh agus liubhair e e fein suas ag radh nach bu mhiann leis a bhi beò ni b’ fhaide, o’n a bha leannan a chridhe fuar marbh. Chaidh a chur ann am priosan agus binn bàis a thoirt na aghaidh. ’Sann ’n uair a bha e anns a’ phriosan a rinn e’n t-òran tiamhaidh so. Mu ’n tainig a là a chaidh òrdachadh air son a chrochadh chaidh e glan as a riaghailt, agus mar so cha dhachaidh a chrochadh ach chaidh a chur fo ghlais. Fhuair e shaorsa mu’n tàinig deireadh a làithean agus rinn e rathad do dh’ Earraghaidheal far am b’ àbhaist dha bhi dol mu’n cuairt o àite gu àite. Anns a choille teann air Cillachreanain Taobh Loch-odha tha Eas aig Uisge Chille ris an abrar “Eas Lachuinn Ogai—oir teann air a so b’àbhaist dha fasgath a ghabhail agus a bhi seinn an orain thiamhaidh a rinn e do Mhaili bheag òg. Tha cuid a deanamh a mach gu’m bu Ghaidheal ùghdar an òrain, agus ged a thachair an sgioradh ann an Eirinn gu’m b’ Albannach Lachann, ’s gu ’m bu Mhac Lachainn e. Biodh sinn mar a thogras e, ’s math ’s airidh an t-òran air a bhi air a chumail air chuimhne.—Fionn. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3½% ’sa bhliadha. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. J. D. W. CAIMBEUL, FEAR DILBH THAIGHEAN. OIFIS:—ROSS BLOCK, P. O. BOX 41. SIDNI, C. B. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies’ [TD 328] [Vol. 8. No. 41. p. 8] Am Fraoch TE IAIN MAC PHAIDEIN AN GLASCHU- O’ failt’ air do bhadain A’s cubhraidh na’n caineal’ O’ failt ’air do bhadain ’S do mheangain air raon’ Tha coisir bhinn ghreannar A’ gleusadh gu fonnar’ ’San trusganaibh samhraidh Air gleantann mo ghaoil. ’Stu sgeadach na’n ailleachd Na fuar bheannaibh arda— Gheibh feudag is tarmachan Blas o gach gaoth; ’Stu fas leis a’ mhislean Air comhnard nam frithean ’S gu’n comhlaich thu ’n dithean Aig isleach nan caol Gur soghar mar bhiadh thu, Dh’ eoin ruadha ’s do ’n liath-cheare Tha deidh aig an fhiadh ort Aig riasgaibh nam maol; Gur guamach a dh’ fhas thu, Gun saothar uan lamhan, ’S na cluaineagan fasail Tha nadurra saor. Theid fleasgach do’n chomhlan ’S tu’ m broilleach a’ chota Bad ural mu’m proiseil An oigridh ’san t-aosd’; Nuair cheanglas an ribhinn A dualan ’san t-sioda ’Toirt buaidh air gach riomhadh Tha min ghasan fraoich. Fo chaoin dhealt nan speuran, ’San og-mhaduinn cheitein No ’lasadh nan sleibhtean Ri grein air gach taobh; Bith seillein le cuirnein— A’ deoghal do chuirnein— ’Stu neamhnaid a’s muirniche ’N duthaich nan laoch. Tha moran ’gam buaireadh An inbhe nan uaibhreach, ’S tric cabal gle luaineach Air chluasagan maoth; De sholas cha d’ fhuair iad ’N am dusgadh a’m bruadar, Na gheibh mu do bhruachan Bm buachaille laogh. Am An Earraich. Bhoidh atharrachaidhean nan aimsirean gu sònruichte ’nuair nach robh mòran aca ri dheanamh. Rinn na bàird òrain do’n t-samhradh, ’s do’n earrach. Anns a’ bhàrdachd so gheibh sinn mòran do smuaintean nan seann Ghàidheal air caochladh nan aimsir. Sheinn aon diubh mar so mu choslas an Earraich:— ’S lionmhir suaicheantas an Earraich, Nach comas domh luaidh le fileachd; Raidhe ’s tric chaochail earraidh, ’S ioma car o thus gu dheireadh; Raidhe ’n tig am faoileach feannaidh, Fuar chlach-mheallain, stoirm nam peileir, Feadag, sguabag’ gruaim a’ Ghearrain, Crainnti Chailleach is beurra friodhan. A réir iomradh nam bàrd bhiodh mòran dùsgaidh is obair am measg an t-sluaigh an àm an Earraich. Agus cluinnidh sinn uapasan mu’n bhiodh bhiadh a aca. Tha rann againn an so air ’a chuspair so:— Raidhe ’s an tig tus annlainn, Liteach, cabhrach, ladhan lapach, Druim-fhionn, ceann-fion, brucach, riapach, Robach, dreamsglach, riadhach, rapach; Cal ’s feoil is cruinnbhuntata, ’S aran corca laidir, reachdmhor; Bog no cruaidh ’ma chanar biadh ris: ’Se nach diult an ciad ni ’s faigse THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dce. 8,’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. MA THA THU AIR SON CARBAD FASANTA bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON:—Buggies, Phætons, Expresses, agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG ’GAR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. $10,000.00. Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le Matheson, Townsend & Co., Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa. Anabarrach Saor! Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. [TD 329] [Vol. 8. No. 42. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, MAIGH 25, 1900. No. 42. SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. VIII. Gun mhionaid dalach; dh’ innis Nouredin do Bhean na Maise mar a bha, agus gu ’m feumadh iad a bhith ’grad fhalbh. Cho luath ’s a chuir i an srol air a h-aghaidh, dh’ fhalbh iad le cheile am mach as an taigh, agus gu fortanach fhuair iad am mach as a’ bhaile gun duine ’g am faicinn. Cha robh an acarsaid fada uapa, agus an uair a rainig iad i bha long a’ deanamh deiseil gu seoladh. Chaidh iad air bord innte gun dail, Beagan uine an deigh dhaibh a dholair bord, thainig an sgiobain far an robh an luchd-turuis, agus thuirt e, “A chlann, am bheil sibh uile an so? Am bheil tuilleadh gnothaich agaibh ri dheanamh anns a’ bhaile? No, an d’ rinn sibh dichuimhn sam bith?” Fhreagair iad uile gu ’n robh iad lan dheas gu falbh ge b’ e air bith uair a thogradh e seoladh. An uair a chaidh Nouredin gu bord, dh’ fheoraich e c’aite an robh an long gus a dhol, agus an uair a chual’ e gu ’m b’ ann gu ruige Bagdad a bha i ’dol, bha e anabarrach toilichte. Thogadh an t-acaire, agus sgaoileadh na siuil bhoidheach, bhaidealach ri crann; agus o ’n a thachair gu ’n robh an soirbheas fabharach, cha robh iad fada ’call seallaidh air Balsora. Thugamaid a nis fa near mar a bha cuisean a’ dol air aghart ann am Balsora, am feadh ’s a bha Nouredin agus Bean na Maise an deigh teicheadh gu sabhailte o chorruich an righ. Thainig ceannard an fhreiceadain le ’chuid shaighdearan gu taigh Nouredin, agus bhuail e aig an dorus. Ach o nach d’ thainig duine a dh’ fhosgladh an doruis, thug e ordugh do na saighdearan a bhristeadh. Rannsaich iad an taigh gu math ’s gu ro mhath; ach cha robh Nouredin agus Bean na Maise ri ’m faotainn. Dh’ fhiosraich ceannard an fhreiceadain mu ’n deidhinn o na coimhearsnaich, feuch am facas o chionn ghoirid iad; ach cha robh neach ann a bheireadh am fiosrachadh bu lugha dha mu ’n deidhinn. Bha leithid de mheas aca air Nouredin ’s nach abradh a h-aon aca aon fhacal a shaoileadh iad a dheanadh cron dha. Am feadh ’s a bha na saighdearan a’ spuinneadh an taighe, agus ’g a leagadh gu talamh, chaidh an ceannard a dh’ innseadh do ’n righ mar a bha. “Seall air an son anns a h-uile aite; oir tha mi suidhichte gu ’n glac mi iad,” ars’ an righ. Chaidh ceannard an fhreiceadain a rithist g’an sireadh, agus chuir an righ Saoudhaidh dhachaidh le urram. Thuirt e ris, “Bi falbh dhachaidh; na cuir an corr dragha ort fhein mu dheidhinn dioghaltas a dheanamh air Nouredin. Ni mise dioghaltas air air son a dhroch-bheirt. Gun dail sam bith thug an righ ordugh fios a thoirt do shlugh a’ bhaile gu ’m faigheadh neach sam bith a ghlacadh Nouredin agus Bean na Maise mile bonn oir, agus gu ’n deanteadh trom-dhioghaltas air neach sam bith a chumadh am falach iad. Ach a dh’ aindeoin gach saothair a ghabh e, agus gach dichioll a ghnathaich e, cha robh guth no iomradh ri chluinntinn mu’n deidhinn. Cha robh de thoileachadh [?] dhaidh ach gu ’n do ghabh an [?] a phairt. Anns a’ cheart am, bha Nouredin agus Bean na Maise, an deigh turus fabharach fhaotainn, gu sabhailte air tir ann am Bagdad. Cho luath ’s a thainig sgiobair na luinge ann an sealladh a’ bhaile, air dha bhith ro thoilichte leis cho fabharach ’s a chaidh a thurus leis, thuirt e ris an luchd-turuis, “Deanaibh gairdeachas a chlann, sin agaibh am baile mor agus iongantach, do ’m bheil moran sluaigh a’ tighinn as gach cearn dhe ’n t-saoghal. Tachraidh moran sluaigh ribh anns a’ bhaile so; agns cha ’n fhairich sibh fuachd geamhraidh, no teas samhaidh, ach mealaidh sibh carrach agus foghar do ghnath le ’n cuid dhitheannan biodheach, agus mheasan blasda, fallainn.” An uair a thainig an long gu aite acaire, beagan astair o ’n bhaile, chaidh an luchd-turuis gu tir, agus chaidh gach aon a dh’ ionnsuidh na dachaidh a bhuineadh dha. Thug Nouredin coig buinn oir do ’n sgiobair a phaigheadh an fharaidh air a shon fhein agus air son Bean na Maise; agus o ’n a bha iad ’nan coigrich ann am Bagdad, cha robh fhios aca c’aite an rachadh iad a dh’ fhuireach. Bha iad car uine a’ falbh ri cios nan garaidhean a tha ri taobh na h-aimhne; agus bha iad a’ cumail dluth air fear dhiubh a bha air a chuartachadh le balla mor, ard. Mu dheireadh thainig iad gu sraid bhriagha, ghlan, agus an uair a choisich iad suas beagan astair oirre, chunnaic iad dorus garaidh, agus fuaran anabarrach briagha faisge air. Bha ’n dorus anabarrach maiseach, agus bha e duinte anns an àm; ach bha am for-dhorus (porch) fosgailte, agus bha langsaid air gach taobh dheth. “Tha ’n t-aite so gle fhreagarrach dhuinn,” arsa Nouredin ri Bean na Maise; “tha ’n oidhche ’tighinn oirrn; agus ged nach d’ ith sinn greim o ’n a thainig sinn air tir, tha mi toileacch an oidhche a chur seachad ann an so fhein agus bidh uine gu leor againn am maireach gu sealltainn air son aite-fuirich; ciod e do bharail fhein?” “Mo thighearna,” arsa Bean na Maise, “tha fhios agad gu ’m bheil mise deas gu rud sam bith a dheanamh a thogras tu fhein; o ’n a tha thu fhein toileach fuireach an so, fanamaid ann.” An uair a dh’ ol iad deoch as an fhuaran, leig iad iad-fhein ’nan sineadh air aon dhe na langsaidean; agus an deigh dhaibh beagan comhraidh a dheanamh, thuit iad gu trom ’nan cadal. Bu leis an righ an garadh; agus ’na mheadhain bha taigh ard, maiseach, ris an cainte Pailliun nan Dealbhannan, a chionn gur ann a bha na dealbhannan agus gach ni maiseach, iongantach, agus luachmhor eile a bhuineadh do ’n righ air an gleidheadh gu curamach, tearuinte. Bha ceithir fichead uinneag air a’ phailliun ard mhaiseach so; agus ge b’ e feasgar a mhiannaicheadh an righ tighinn a chur seachad greis dhe ’n uine ann, bhiodh solus boillsgeach anns gach uinneig. Chiteadh an dearrsadh a bhiodh as na h-uinneagan air feadh earrann mhor dhe ’n bhaile, agus air feadh na duthchadh mu ’n cuairt dha. Bha ’n garadh so air curam seann duine do ’m b’ ainm Abraim; duine a rinn seirbhis mhath ann an arm an righ. Bha ordugh teann aige o ’n righ gun a h-uile seorsa dhaoine a leigeadh a steach a dh’ amharc nan ioghnaidhean a bh’ anns a’ phailliun, ach gu sonraichte gun leigeadh le neach sam bith suidhe no laidhe air na langsaidean a bha anns an fhor-dhorus air eagal gu ’n rachadh an salach; agus nam faigheadh e neach sam bith ’na shuidhe orra, bha ordugh aige peanas cruaidh a dheanamh air. Air an fheasgar ud thainig air Abraim a dhol a dh’ aiteginn a cheann gnothaich. An uair a thill e ann am beul anamoch na h-oidhche, fhuair e dithis nan suain chadail air aon de na langsaidean a bh’ anns an fhor-dhorus, anus aodach sgaoilte thairis air an cinn gus na cuilleagan a chumail uapa. “Is ciatach an gnothach so,” ars’ esan ris fhein, “tha na daoine easumhail do dh’ ordugh an righ; ach bheir mise orra nach dean iad a leithid a rithist.” Dh’ fhosgail e an dorus gu bog, balbh agus chaidh a steach. An ceann tiotaidh thill e agus slat ’na laimh, agus a mhuilichinn truiste thun na h-uile. Bha e dol a ghabhail dhaibh le uile neart; ach chuir e stad air a laimh, agus thoisich e ri reusanachadh ris fhein anns an doigh so: “Bha thu ’dol a bhualadh nan daoine so gun toirt fa near ciod a bha thu ’dol a dheanamh. Is docha gur e coigrich a th’ annta aig nach ’eil aite-fuirich, agus a tha tur aineolach air ordugh an righ. Air an aobhar sin bu choir dhut an toiseach fios fhaotainn co iad.” An uair a thuirt e so thog e gu socrach an t-aodach a bha sgaoilte air an cinn. Ghabh e ioghnadh an uair a chunnaic e iad. Ar leis nach fhrca e riamh dithis bu mhaisiche na iad. An sin rug e air chios air Nouredin, agus dhuisg e e. Ghrad thog Nouredin a cheann, agus an uair a chunnaic e seann duine tlachdar, le feusaig fhada ghill ’na sheasamh aig a chasan, dh’ eirich e, agus an uair a leig e e-fhein air a ghluinean air a bheulaobh agus a thug e pog dh’ a laimh, thuirt e, ‘Athair mhath, gu ’n gleidheadh Dia thu!” “Ciod a tha dhith ort, a mhic?” ars’ Abraim. “Co thu, agus co as a thainig tu?” “Is coigrich sinn a tha air ur thighinn do ’n bhaile,” arsa Nouredin, “agus bu mhiann leinn cead fhaighinn fuireach an so gus am maireach.” “Cha ’n ’eil an t-aite so freagarrach dhiubh,” ars’ Abraim; “thigibh comhladh riumsa, agus gheibh mi aite cadail dhuibh a’s freagarraiche na so; agus bheir sealladh dhe ’n gharadh mhaiseach so toileachadh dhuibh an uair a chi sibh e ri solus an latha maireach.” “An leibh fhein an garadh so?” arsa Nouredin. “Is leam,” ars’ Abraim, agus fiamh gaire air a ghnuìs; “is oighreachd a th’ ann a dh’fhag m’ athair agam; thigibh [TD 330] [Vol. 8. No. 42. p. 2] a steach, guidheam oirbh, oir tha mi cinnteach nach bi aithreachas oirbh air son ’fhaicinn.” Dh’ eirich Nouredin ’na sheasamh, agus thug e moran taing do Abraim air son cho siobhalta ’s a bha e riutha; agus ’na deigh sin chaidh e fhein agus Bean na Maise steach do ’n gharadh. Ghlas Abraim an dorus, agus threoraich e iad a dh’ ionnsuidh aite anns am faiceadh iad le aon sealladh meud agus maise, agus suidheachadh a’ gharaidh. Ged a chunnaic Nouredin iomadh garadh braigha ann am Balsora, cha ’n fhaca e garadh cho briagha ris an fhearr ud’ An uair a ghabh e beachd air gach ni a bha ri fhaicinn anns a’ gharadh, thionndaidh e ri Abraim, agus dh’ fheoraich e dhe co dh’ ainm a bh’ air. Cho luath ’s a chuala e gur e Abraim a b’ ainm dha, thuirt e ris, “Abraim, feumaidh mi aideachadh gu ’m bheil an garadh so anabarrach maiseach da rireadh. Gu ’n deonaicheanh Dia dhut a bhith fada beo ’g a shealbhachadh. Cha ’n urrainn sinn a bhith taingeil gu leor dhut air son an garadh maiseach so a shealltuinn dhuinn. Ach bhiodh e iomchuidh dhuinn paigheadh a thoirt dhut air son do chaoimhneis. So agad da bhonn oir; thoir leat iad agus faigh dhuinn rud a dh’ itheas sinn a chum gu’m bi sinn subhach maile ri cheile.” Bha Abraim gle ghaolach air an or, agus rinn e gairdeachas ’na inntinn an uair a chunnaic e an da bhonn. Ghabh e gu toileach iad. Dh’ fhag e Nouredin is Bean na Maise anns a’ gharadh, agus dh’ fhalbh e a dh’ iarraidh gach ni a bhiodh feumail dhaibh. Thuirt e ris fhein agus e gle aoibhneach, “Is e daoine coire a th’ ann so. Bha mi air gnothach amaideach a dheanamh nan robh mi air droch dhiol a dheanamh orra agus am fuadach air falbh. Ni an deicheamh cuid dhe so an gnothach gus biadh a cheannach dhaibh, agus bidh an corr agam fhein air son mo dhragha. (Ri leantuinn.) DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XVII. Fàgaidh sinn Callum agus Domhull anns an eilean ’g an cothachadh fhéin cho math ’s a dh’ fhaodas iad, agus bheir sinn seachad gearr chunntas air an oidhirp a thug an sgiobair agus an sgiobadh air am faotainn anns an eilean. An uair a thill na seòladairean eile a chaidh mu ’n cuairt cladach an eilean a dh’ ionnsuidh a’ bhàta far an d’ fhàg iad ’s a mhaduinn i, fhuair iad an dithis air an do thuit an crann còmhladh ri Domhull ’s ri Callum ’n an suidhe aig a’ bhàta, agus iad air leith iomall na daoraich. Dh’òl na fir so, an uair a fhuair iad an cothrom an déigh do chàch falbh air feadh an eilean, a’ chuid bu mhò dhe ’n deoch làidir a dh’ òrdaich an sgiobair do ’n dà fhear dheug a chaidh gu tìr. Bha ’n sgiobair ’n a dhuine a bha anabarrach stuama anns gach dòigh, ach ged bha, bu mhath leis gach ceartas is toileachadh ’n a chomas a thoirt do na seòladairean aig gach àm. An lath’ ud a chaidh iad gu tìr ’s an eilean, dh’ òrdaich e na shaoileadh e a dheanadh feum dhaibh dhe ’n deoch làidir a thoirt dhaibh gus toileachadh a thoirt dhaibh, agus saod a chur orra an uair a ghabhabh iad an dinneir air tìr. Ach o ’n a bha na dh’ òrdaicheadh dhaibh rì ,òl tuilleadh is beag leis na fir a thill thun a’ chladaich, smaoinich iad gu ’m biodh ciab is comaidh aca; sin ri ràdh, gu ’m biodh an cuid aca an toiseach dhe na dh’ òrdaicheadh dhaibh gu léìr, agus gu ’m biodh an roinn fhein aca dhe na dh’ fhàgadh iad, an uair a thilleadh càch ’s an fheasgar a dh’ ionnsuidh a’ chladaich. An uair a chunnaic iad cho beag ’s a dh’, òrdaicheadh dhaibh, thuirt iad, mar a thuirt Alasdair Uaibhreach mu’n t-saoghal, “Cha mhor is fheairrde cuideachd e, ’s bu rudeiginn a dh’ aon duine e.” Ach an uair a bhlais iad aon uair air, lean iad air gus an do dh, òl iad an earrann bu mhò dheth. Is gann a b’urrainn daibh an casan a sheasamh. Ach rachadh aca air mionnan gu leòr a dheanamh, agus an cainnt thruaillidh, sgráthail a labhairt. Is iongantach da rìreadh a bhuaidh a th’ aig a’ mhisg air daoine. Cha ’n eil ni truaillidh a tha ’n taobh a staigh dhuibh nach toir i gu follais. Is glic an duine sin a tha ’caitheamh a bheatha gu measarra aig gach àm. Cuiridh a mhisg call mòr air daoine; oir bheir i uatha am maoin, agus an cliù, agus an slàinte, agus an deadh bheus. Agus cha ’n e mhàin sin, aca beothaichidh agus brosnaichidh i a h-uile gnè thruaillidh a tha ’n co-cheangal riutha gu nàdarra. Chu ’n ’eil meadhain eile aig Sàtan a’s cumhachdaiche gus anam an duiue sgrios na mhisg. Cha d’ fhalbh na seòladairean bhar an eilean gue an d’ thàinig an t-anamoch, agus an d’ thug iad dùil thairis nach tigeadh Callum is Domhull air an ais thun a’ chladaich. An uair a chaidh iad air bòrd na luigge, dh’ innis iad do ’n sgiobair gu ’n robh Domhull is Callum ’g an dìth, agus nach robh fhios aca ciod a dh’ éirich dhaibh. Chuir so dragh gu leòr air an sgiobair; ach bha e ’smaointean gur e dhol iomrall a rinn iad. Agus ged a bha coltas gu ’n robh an soirbheas fàbharrach ris an robh dùil aige, air thuar tighinn gun dàil, chuir e roimhe gu ’m feitheadh e latha eile far an robh e ann an dòchas gu ’m faigheadh an dithis a bh’ air an eilean an rathad thun a’ chladaich uair eiginn mu ’n tigeadh am feasgar an la-iar-na-mhàireach. Ach ged a bha dragh air a chionn gu ’n robh dithis dhe na seòladairean cho dìleas ’s a bh’ aige air bòrd ’g a dhìth, bha pailt uiread de dhragh air an uair a chuala e gu ’n do ghabh dithis eile dhe na chaidh do ’n eilean a’ mhisg. Aig an àm bha e ag ràdh ris fhein nach gabhadh e seòladair gu bràth tuilleadh ach fear a bhòidicheadh nach blaiseadh e air deur dhe ’n dibh làidir. Cha dubhairt e gu ’m b’ olc riutha; oir cha robh e ’creidsinn gu ’n deanadh càineadh feum sam bith dhaibh aig an àm. ’N a inntinn fhein bha e ’g ràdh gu ’n cuireadh e air falbh iad cho luath ’s a gheibheabh e dithis eile a dheanadh feum ’n an àite. Gu math moch an là-iar-na-mhaireach chuir e bàta le seisear de sgiobadh gu tìr do ’n eilean, agus dh’iarr e orra a dhol mu’n cuairt cladach an eilean feuch an tachradh Domhull is Callum riutha, agus thuirt e riutha iad a dh’ fhuireach air an eilean gus an tigeadh beul anamoch na h-oidhche. Rinn iad mar a dh’iarradh orra, ach cha robh dad aca air son an saoithreach; oir thill iad thun na luinge anamoch feasgar, agus cha robh sgeul aca air Domhull ’s air Callum. Air an fheasgar sin fhein dh’ atharrraich a’ ghaoth, agus o ’n a bha ’n long air acaire còrr is dà latha, chuir an sgiobair roimhe gu ’m falbhadh e ’s a’ mhaduinn. Bha cùisean a’ cur dragh mòr air; oir cha robh toil aige an dithis ghillean òga fhagail air an eilean. Cha robh fhios aige co dhiubh bha daoine ’fuireach air an eilean nonach robh. Ach ma thachair gu ’n robh daoine ’fuireach air an eilean, bha fhios aige gu ’m feumadh gur e daoine fiadhaich a bh’ annta; agus cha robh teagamh aige nach cuireadh iad Domhull is Callum gu bàs na ’m faigheadh iad greim orra. Cha deachaidh e do ’n leabaidh an oidhche ud idir; oir bha e fo mhòr dhragh inntinn mu na seòladairean a bha ’g a dhith. Uair a smaoinicheadh e gu ’m falbhadh e cho luath ’s a shoilleiricheadh an latha, agus uair eile theireadh e ris fhein nach robh e ceart dha falbh agus dithis dhe chuid dhaoine ’fhàgail air an eilean. Mu dheireadh shuidhich e gu ’m falbhadh e air a h-uile cor; oir bha ’n soirbheas cho fàbharrach ’s a dh’ iarradh e, agus bha h-uile coltas gu ’n leanadh an soirbheas gus an ruigeadh e am baile-puirt anns an robh aige ris an luchd a chur am mach. Mu ’n gann a shoilleirich an latha e chuiran sgiobadh air an cois, agus dh’ òrdaich e té dhe na bàtaichean a leigeadh leis a’ chliathaich, agus ceathrar dhe ’n sgiobadh a bhi deisil gu falbh gu tìr le nithean a bha e gus fhàgail anns an eilean an dòchas gu ’n tachradh iad ri Domhull ’s ri Callum uair no uair eiginn an àm dhaibh a bhith ’siubhal timchioll a’ chladaich. Chuireadh na nithean a leanas anns a’ bhata:—Cuid mhath de bhriosgaidean ’s de dh’ fheòil; poit no dha; sàbh is tuadh; cuid mhath de dh’ fhùdar ’s de luaidhe; biodag; cuibhle de bhall caol; pasg de shreanganan caola gu beairtean-iasgaich; caochladh sheòrsachan dhubhan; aodach-laidhe, agus na cisteachan anns an robh gach nì a bhuineadh do Dhomhull ’s do Challum. Dh’ òrdaich e dhaibh na nithean so a chur air tìr ann an àite sàbhailte, agus seann seòl dhe na bh’ air bòrd a thoirt leotha agus a sgaoileadh gu dòigheil, cùramach air an uachdar. Sgrìobh an sgiobair litir do ’n ionnsuidh, agus chuir e an àite sàbhailte i am measg nan nithean a chuireadh air tìr. Bha ’n litir mar a leanas:— “Na ’m bithinn a’ smaointean gur e mi-chùran a thug oirbh fuireach air an eilean o chionn tri latha, bhithinn glé dhiumbach dhibh, agus bhithinn coma ged a bhiodh sibh air gu bràth. Ach a thaobh gu’n robh sibh an còmhnuidh umhail, dleasdanach gu leòr, tha mi ’smaointean gur e dhol iomrall anns a’ choille a rinn sibh. Tha mi ’n dòchas nach d’ éirich mi-fhortan a’s mò na sin dhuibh, agus gu ’m faic mi fhathast sibh. Cha ’n fhaod mise fuireach na ’s fhaide; oir feumaidh mi an soirbheas fàbharrach a ghabhail fhad ’s a gheibh mi e. O ’n a tha sibh le chéile ’g am dhith, bidh e mòran na ’s duilighe dhomh an long a thoirt gu calla, ma shéideas a’ ghaoth ’n am aghaidh. Tha mi ’cur na ’s urrainn dhomh dhe gach nì a tha mi ’saoilsinn a bhios feumail dhuibh gu tìr do ’n eilean, an dòchas gu ’n tachair iad ribh an ùine gun bhith fada. Dh’ innis an fheadhain eile a chaidh gu tir maille ribh dhomh gu ’m bheil eunliath gu leòr air an eilean, agus o ’n a tha gunna agaibh chuir mi fùdar is luaidhe gu leòr am measg na tha mi ’cur gu tìr. Tha mi mar an ceudna a’ cur gach nì a bhuineas dhuibh gu tìr, gun fhios nach tigeadh oirbh a bhith ùine mhòir air an eilean. Ach tha dòchas agam nach bi an ùine fada gus am faigh sibh as an eilean. Ged nach robh mise riamh riomhe aig acaire an so, tha fhios agam gur tric le loingeis acrachadh ann car ùine ghoirid gus uisge ’thoirt air bòrd, ma thachras dhaibh a bhith gann de dh’ uisge. Faodaidh gu ’n cuir am freasdal dòigh ’n ’ur rathad leis am faigh sibh as an eilean. Ma bheir sgiobair air bith bhar an eilean sibh, agus gu ’m bi e ’g iarraidh faraidh oirbh, cha n ’eil agaibh ach an litir so a shealltainn dha, agus theid mi an urras gu ’n toir e leis sibh. Cha’n urrainn dhomhsa bhith cinnteach an e so taobh e thilleas mi, no c’uin a thilleas mi,ma thilleas mi idir; ach ma ’s e so rathad a thig mi, cha teid mi seachad air an eilean gun sibhse a thoirt leam, ma bhios sibh ann an uair a thig mi. Rinn mise na b’ urrainn mi gus ar toirt bhar an eilean. Dh’ fheith an fheadhainn a chaidh gu tir còmhladh ribh aig a’ chladach gus an do thuit an oidhche, an dùil gu ’n tigeadh sibh, agus chuir [TD 331] [Vol. 8. No. 42. p. 3] mi daoine gu tìr an dè ’g ’ur n-iarraidh, agus ged a chaith iad an latha gu léir ’g ’ur n-iarraidh, cha d’ fhuair iad sibh. Ma chuireas sibh bhur n-earbsa ann am freasdal a’ Chruithfhir, cha ’n eagal dhuibh. Mo bheannachd agaìbh SEUMAS BRUNTON. Sgiobair na Samaracand. O ’n a bha cabhag air an fheadhainn a chuireadh gu tir, cha d’ rinn iad ach gach ni a bh’ aca ’s a’ bhàta a chur gu sàbhailte ann an àite tearainte os cionn a’ chladaich agus an seann seòl sgaoilte air am muin. Cho luath ’s a thill iad thun na luinge thogadh an t-acaire, agus chuireadh rithe a h-uile snaithne aodaich a ghiùlaineadh i. O ’n a bha ’n soirbheas cho làidir ’s cho fabharrach ’s a dh’ iarradh iad, cha robh iad fada seòladh a sealladh an eilean. (Ri leantuinn.) I Challuim Chille, (Air a leantuinn.) Ràinig sinn Riédhlig Orain,—cladh farsuing lan de leacan lighe, fo’m beil rìghrean, cinn-fheadhna, agus ceatharnaich, a bha cumhachdach agus ainmeil ’nan latha fein, a’ cadal taobh ri taobh ann an suain a’ bhàis. Ann an so tha ’n t-àite ris an abair iad, Iomaire-nan-rìgh, far am bheil ochd ’us dà fhichead de rìghrean na h-Alba, ceathrar de rìghrean na h-Eirionn, ochdnar de rìghrean Lochlainn, agus a h-aon no dhà de righrean na Frainge. Air cuid de na leacan tha ainm nan daoine ’tha fopa ’s a’ Ghàelic, mar air lic Mhurchaidh-a-Ghuinn. ’S i an eaglais bheag a tha ’n Réidhlig Orain a cheud tigh a thog Calum Cille ’s an Eilein. Aig ceann na h-àirde deas dh’ i tha cruiste Lachainn ’ic Ionmhuinn,athair an Aba; agus leac Aonghais Oig ’ic Dhòmhnuill, tighearn Ile agus Chinn-tìre,—an triath ainmeil sin a chuir an cath le buaidh air blàr ainmeil Bhannockburn le Raibeart de Bruce. Dlùth dha so tha leac agus uaigh Ailein-nan-sop,—ceatharnach de Chloinn ’Illeathain, o ’n d’ thainig teaghlach Thorrloisg. Tha leac Thighearna Chola an so mar an ceudna, le chlogaid ’s le ’lùirich; Mac-Illeathain Dhubhairt, agus Locha-buidhe; MacGuaire Ulbha, agus Iain Beaton, an t-Olla Muileach, le ’n suaicheantais ’s le ’n airm-catha os an ceann. A bhàrr orrasan tha àireamh mòr de laoich threuna, leis am bu mhiann an ainm a bhi air chuimhne, ach bha ’m beatha mar shlighe na saighid o’n speur, a shiubhlas gu luath seachad, agus air ball a tha air a druideadh suas. An iar-thuath de dhorus na h-eaglais so tha leac mhòr anns am bheil dòirneagan cruinne ris an abair iad, ‘Clacha-bràth,’ a b’ àbhaist doibh, ann an laithibh an dorchadais, a thionndadh mu’n cuairt air mhodh àraidh, gu h-amaideach a’ creidsinn nach tigeadh là à’ bhràth, no deireadh an t-saoghail, gus am biodh an leac sin air a caitheamh gu buileach troimpe. Tha’n eaglais àrd taobh na h-àirde tuath de’n chladh so; tha i coig-troidhe deug agus coig fichead air fad, agus tri-troidhe-fichead air leud. Tha tùr àrd, dreachmhor ag éiridh ’na meadhon, ’s tha na h-uinneagan air an snaigheadh gu h-ealanta. Air cuid de chlachan bàrra-bhalla ’n tighe so, tha dealbhan agus cuid de dh’ eachdraidh a’ Bhìobuill air an gearradh gu ro innleachdach.” (Is e so an aitreabh a thug an Diuc do’n Eaglais Steidhichte an uiridh.) “Bha altair de mharmor geal aon uair ’s an eaglais so, ach bhristeadh i, agus thugadh gu buileach air falbh i, le ’bhi gu faoin a’ smaointeachadh gu’n robh buadh agus éifeachd àraidh fuaighte ris a’ mhìr a bu lugha dh’ i. Làmh ris an altair tha uaigh an Aba Mhic-Ionmhuinn, air am bheil leac a thug bàrr air gach aon eile m’ a timchioll. Air ùrlar na h-eaglais tha leac Mhic-Leòid Dhunbheagain, agus iomadh aon eile air nach eil eachdraidh againn. Air cùlaobh na h-eaglais so tha larach Tigh-nam-Manach, far am bheil na Clacha-dubha a bha aon uair cho ainmeil ann an Gaidhealtachd Alba, air am b’àbhaist d’ an uaislean an cumhnantan a nasgadh le mionnan os ceann uaigh Chaluim Chille. Dlùth do Thigh-nam-Manach tha tigh an Easbuig, far an do ghabh Easbuigean Earraghàidheal còmhnuidh, an déigh do’n Eilean Mhanainneach a bhi air a dhealachadh uaithe. Tha r’ a fhaicinn ’an so iarmad nan liosan a bh’ aig na Manaich, far an robh moran de luibhean ìocshlainteach. Tha larach a mhuilinn agus na h-àtha fhathast air an comharrachadh a mach; tha’n t-àite ’s an robh an linne-mhuilinn a nis gun uisg’ ann, agus ’s ann aisde a bha iad, o cheann àireamh mòr bhliadhnachan, a’ buain na mòine ’bha iad a’ losgadh. Tha e cosmhuil gu ’n robh callaid àrd chloiche mu thimchioll na h-aitreibh naomh so; gu h-àraidh aig an taobh mu thuath, chum an dìon o’n luchd-creachaidh a thigeadh o’n àirde sin aig nach robh ach beag suim de dhiadhachd, no de na daoine maith’ a bha ’tàmh an sin. Is tiamhaidh muladach na smaointean a dhùisgear anns an inntinn ’n uair a ghluaisear tre làraichean aosmhor I Chaluim Chille. Is firinneach a labhair esan aig an robh cridhe gu so a thuigsinn, agus cainnt a bu shnasmhoire gu ’chur an céill. “Bha sinn a nis,” deir Dr. Johnson, “’n ar seasamh air an Eilean ainmeil sin a b’ àrd lòchran, fad linntean, do Ghàidhealtachd na h-Alba—as an d’ fhuair Cinnich fhiadhaich, agus ceathairne bhorba sochairean eolais, agus beannachdan na saorsa. Cha bu chomasach, ged a dh’ fheuchtadh ris, an inntinn a thogail o na smuaintean a dhùisg an t-àite so, agus b’ amaideach an oidhirp, ged a bhiodh e comasach. Ge b’ e ni a thairngeas sinn air falbh o chumhachd ar ceud-faithean; ge b’ e ni a bheir do na shiubhail o chian, no do na tha fathast ri tachairt, lamh-an-uachdar air na tha ’làthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe mar chreutairean tuigseach. Gu ma fada uam-sa, agus o m’ chàirdean, na teagasgan fuar sin a dh’ aomadh mi gu gluasad gu caoin-shuarach, eutrom, thar aon àit’ a dh’ fhàgadh urramaichte le gliocas le fearalas, no le maise. Cha chulaidh fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghradh d’ a dhùthaich air a neartachadh air blàr-catha Mharatoin, no a chràbhadh a blàthachadh ’am measg làraichean briste I Chaluim Chille” Agus co esan a bha riamh ’s an àite so, agus aig an robh cridhe, nach do mhothaich so? Tha chuid a ’s mo de na leacan a nis gu dearbh air am folach fo’n ùir; ach tha gu leòir fhathast r’am faicinn gu gliocas a tharruing uatha. Chì sinn an oidhirp a thug daoin’ uaibhreach gus an ainm a chumail air chuimhne; ach mo thruaighe! cha’n i an eachdraidh a tha air a gearradh air leac-lighe a choisneas an cliu nach teid as, no a dh’ fhagas an t-ainm neo-bhàsmhor—’s iad na h-ionracain a mhàin a chumar ’an cuimhne siorruidh. Iadsan aig am bheil an ainm sgriobhta air nèamh,—is coma c’àite’ an càirear cuirp nan daoine sin, co dhiubh is i ’n leac-lighe rìomhach, no fòid gorm a chuirear thairis orra; faodaidh daoine an di-chuimhneachadh, ach bithidh iad ann an cuimhne shiorruidh aig Dia. ’Se so a choisneas an cliù nach searg. Cha’n eil gach cuimhne thalmhaidh ach geàrr; bithidh iad ann an latha no dha balbh. Na litrichean a th’ air an gearradh air a’ chloich a ’s buaine, no air an deargadh le peann iaruinn air a’ chreig a ’s maireannaiche, ann an linn no dha cha bhi an comas nan sùl a ’s géire a leughadh; tuitidh an leac ’n a smùr, agus failnichidh a chreag fein; ach cliù, agus ainm nan naomh a chaoidh cha chaochail. ’N an luidhe ’s a’ chladh so, ’s cinnteach mi gu’m bheil iomadh aon a bha suarach m’a cheile fhad ’s a bha iad beo,—seadh, a’ co-stri ’s a cath an aghaidh a cheile,—cinn-fheadhna threuna, le ’n ceatharnaich ghaisgeil, a sheas air an aon bhlar-catha, agus theagamh a thuit le claidheamh nan ceart daoine ’tha ’nis ’n an luidhe ’s an ùir r’ an taobh. ’S i so gu deimhin, thubhairt mi, “Tir na di-chuimhn” far nach eil othail no stri. Ma bha leapaichean na h-uaighe riamh tosdach, sàmhach, ’s ann an uaigneas fasail I Chaluim Chille! Tha lag ’us laidir, beag us mor, Co-shinte ’n so le ’cheil’; Tha naimhdean samhach taobh ri taobh ’Us luchd na co-stri reidh. Bho cheann iomadh linn bha’n t Eilean ainmeil so, far an robh a cho-lion duine naomh agus diadhair urramaichte, agus a cho-pàirtich solus an t-Soisgeil do dhùthchaibh agus do rioghachdaibh eile, air fhagail e fhein gun eaglais, gun fhear-teagaisg suidhich e, no aoradh follaiseach; ged a tha àireamh mor sluaigh a chòmhnuidh ann. Bu chianail an t-atharrachadh so do I, agus bu neo-chliùiteach e r’ a aithris; ach tha linn a’ ’s fhearr a’ [?]eachd mu’n cuairt. Tha e air innseadh gu’n dubhairt Calum Cille, tamull beag mu’n do chaoehail e:— I mo chridhe, I mo ghraidh, ’An ait’ gut Manaich bi’dh geum ba; Ach mu-n tig an saogh’l gu crich, Bi’dh I mar a bha. Thàinig a’ cheud chuid de’n fhàidheadaireachd gu h-eagnaidh mu’n cnairt; ach cò dhiubh a bhios i gu brath cho urramaichte ’s a bha i, tha e deacair a ràdh. Ann an iomadh atharrachadh an t-saoghail chaochlaidich so, cò ’s urrainn innseadh ciod a dh’ fhaotas tachairt? Ach ged nach ’eil e ro choltach gu’m bi I gu bràth mar a bha i ri linn Chaluim Chille, gidheadh is sòlasach ri thoirt fainear gu’m bheil, ’s a cheart am so (1828), eaglais a rithist ’g a togail ann an I, agus ’an ùine ghearr gu’m bi Neach ann ris an canar Ministeir I Chaluim Chille! ’S e dùrachd m’ anama gu’m bi esan agus gach aon a tha ’saothreachadh ’s an obair cheudna, anns na cearnaibh gràdhach sin, ’n an spiorad agus ’n an giulan cosmhuil ris-san air an d’ ainmichidh an t-Eilean so,—air an lasadh le gradh do Dhia, dìleas do Chriosd, agus durachdach airson math anaman. Nach mòr an t aobhar taing a th’ againn leis an obair bheannaicht’ a tha nis a’ dol air a h-aghaidh ’s a’ Ghàidhealtachd agus an Eileinibh na h-Alba? Cha’n eil gleann tìorail, no innis uaigneach, anns nach bi fuarain fhionnar a dh’ uisge beò air an fosgladh. Air a shon so ni am fàsach gàirdeachas, agus bithidh lionmhoireachd nan eilean ait. ‘Canaibh do ’n Tighearn oran muaeh. Air ’ainm biodh luaidh ’s gach ait Feadh muir, ’us tir, ’us innse cian, Biodh moladh Dhe gu brath ’S e sin mata an cunntas a sgriobh “Caraid nan Gàidheal,” anns an “Teachdaire” mu Eilein I bho chionn a nis tri fichead bliadhn’ agus a deich. Cha’n fhaighear a nis an “Teachdaire” r’ a cheannach aig luchd-reic leabhraichean, ’chionn gu’n do theirig na chlò-bhualadh dhiubh an toiseach. Ach is airidh e air a dheanamh aithnichte gu’n do chuireadh a mach o chionn ghoirid, airson an dara uair, leabhar anns am bheil co-chruinneachadh taghta de sgriobhaidhean an Dr. Macleoid. Rinneadh suas agus chuireadh a mach an leabhar so fo’n ainm “Caraid nan Gaidheal,” leis an Dr. Clark ann an 1867. Gheibhear ann moran de na th’ anns an “Teachdaire,” agus ann an “Cuairtear nan Gleann”—leabhar eile a chuir an Dr. (Air a leantuinn air taobh 334.) [TD 332] [Vol. 8. No. 42. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, MAIGH 25, 1900. DIUC EARRAGHAIDHEIL. Thainig crioch air cuairt thalmhaich an Diuc uasail, thapaidh, ealanta so. B’e ceannard ard us foghluimte ’s uaibhreach nan Caimbeulach gu leir. Bha aobhar sonruichte aig gach Caimbeulach feadh an t-saoghail a bhi toilichte ’s proiseil gu robh an diuc co morail gasda neo-choireach. Is e sean duine ’bha ann, oir ruig e tri fichead agus seachd bliadhna deug. Is ann le tinneas nan alt a chaill e a threòir agus a thainig am bàs air. Is e duine beag le falt ruadh a bh’ann. Na’m b’ eigin da oidheirp chruaidh a dheanamh ann an stri nan lann, cha b’ ann le neart làidir a ghàirdein a gheibheadh e buaidh. B’e Cailean a b’ ainm do aon de shinnsirean a thionail moran maoin us fearainn anns na linntean a dh’ aom. Tha Cailean mar so ’na ainm a tha gle chumanta ann an teaghlach Earraghaidheil. Mac Cailein Mhoir: is e so an doigh air an coir luaidh a dheanamh air oighre nan Caimbeulach. Is àbhaist do gach Gàidheal aig am bheil eòlas air eachdraidh nan Caimbeulach, a bhi deanamh iomraidh an Diuc Earra-ghaidheil mar “Mac Chailein Mhoir.” Bithidh na Sasunnach a tabhairt an ainm Mac Callum Mor, no Mac Chaluim Mhoir, do’n Diuc. Mac Chaluim: tha’n t-ainm air tus a’ ciallachadh Mac Chaluim Cille, ’s air an aobhar so, tha e gu tur eadar-dhealaichte bho Mhac Chailein Mhoir—an t-ainm a tha iomchuidh do Dhiuc Earraghaidheil. Cha robh an Diuc a chaochail ach gle òg an uair a thainig am bàs air ’athair, agus a chaidh e a reir lagh na rioghachd do thigh nam Morairean. Is e sgoil ghasda airson deasboireachd a tha ann an tigh nan Cumantan. Am feadh a tha cuisean cudthromach fa chomhair luchd-riaghlaidh na dùthcha, tha iomadh beachd air a ghabhail us air a thabhairt seachad. Tha buill na parlamaid a’ faotainn cothroim maith, mar so, air geiread inntinn ’s air tapadh ann an cainnt fhoghlum agus a thrusadh, maille ri fàs deas-bhriathrach us ur-labhrach. Ann an tigh nam Moraman tha sith us samhchair ann an tomhas mor. Bha an Diuc fileanta ’na sheanachas. B’ urrainn da labhairt gu pongail gleusda. Bha e deas-chainnteach, agus bha comas sònruichte aige air gach cùis a b’ ionmhuinn leis a chur ann an sgeadachadh grinn bòidheach an làthair a luchd-efsdeachd. Bha e iomadh uair a’ sealbhachadh àite measail am measg luchd-riaghlaidh urramach na rioghachd. Bha e féin agus Gladstone ’nan càirdean dileas. Chaidh an Diuc gu buileach an aghaidh Ghladstone ’nuair a rinn e oidheirp air féin-riaghladh a bhuileachadh air na h-E-rionnaich. Cosmhuil ri iomadh Eirionnach glic, turail, chunnaic an Diuc gu soilleir gu deanadh féin-riaghladh a reir beachd Ghladstone coire eagalach do Eirinn féin agus do Rioghachd farsuing Bhreatuinn mar an ceudna, agus air an aobhar so, rinn e gach dichioll an aghaidh beachd us eud us iarrtuis a sheana charaid agus a chompanaich dhaimheil, Gladstone. Am feadh a bha spàirn anabarrach air a cur an gniomh airson cor bhochd nan Croitearan a leasachadh ann an Gaidhealtachd Albainn, cha robh an Diuc idir eudmhor air taobh nan Croitearan. Bha e daonnan a’ seasamh air taobh nan Tighearnan d’ am buineadh fearann us oighreachdan na dùthcha. Bha ’n Diuc re làithean uile stuama, curamach, guanach. Fhuair e oighreachdan farsuing, beartach bho ’athraichean; agus thug e aire shuonruichte daibh uile. Nochd e iomadh caoimhneas do a thuathanaich agus rinn e iomadh comhnadh leo, ged a bha moran a’ creidsinn nach robh e truacanta no blàth-chridheach. Cha robh anns an rioghachd Diuc aig an robh inntinn a bu ghéire no bu treise na bhuineadh do Dhiuc Earraghaidheil. Is e sgoilear mor us foghluimte bha ann. Bha e min-eòlach air gach cuspair a bu doimhne ann am feallsanachd agus an ealdhain. Sgriobh e iomadh leabhar anns an do chuir e an ceill smuaintean oidheirc, agus fiosrachadh priseil. Is ann da féin a b’ aithne Beurla ghlan chruaidh sgairteil, aluinn a sgriobhadh, agus a leughadh. Thog e riamh a ghuth gu duineil, dùrachdach es leth a’ cheartais, na saorsa, ’s na fireantachd. Bha e na bhard fonnmhor mar an ceudna. Sgriobh e duain a choisinn moran cliù ’s moladh dha. Bha meas mor aig a’ Bhan-righ air, agus fhuair e iomadh onoir àrd uaithe. O’n thainig crioch air a chuairt, tha moladh dileas gu leòr air a dheanamh air, do bhrigh gu robh e co comasach, uasal, onarach; agus gu do chaith e ’neart ’sa làithean ann an dichioll agus am measg cùisean no gnothuichean a bha geamnuidh, measarra, firinneach, cliùiteach. Bithidh ’ainm ’sa chliù beò thar iomadh linn. Tha sinn ann an Canada ’gleidheadh cuimhne bhlàth air Marcus Lathuirne ’s air a cheil erioghail, a Bhana-Prionna Liusaidh. Rinn am Marcus moran maith am feadh a bha e na ard-uachdaran ann an Canada. Tha Bhana-Phrionnsa ’sa fear daonnan muirneach mu dheibhinn ar duthcha ’s tha iad ullamh gach àm a labhairt focal càirdeil agus a dheanamh gniomh furanach do Chanada. Tha Marcus Lathuirne nis na Dhiuc agus tha Bhana-Phrionnsa ’na Ban-Diuc. Gu cinnteach, tha MAC-TALLA ’sa chàirdean a’ guidhe gu’m bi saoghal fada ’s sonas us slàinte aig Diuh ùr agus Ban-diùc Earraghaidheal. Is fonnmhor, bòidheach briathran Mhàiri Nic Eallaie, a bhana-bhard, thròma, laghach:— “Failt air an oighre, failt air re buaidh, Cha’n ioghnadh mo ghradh a thoirt barr air an t-sluagh, ’S nach ’eil am poraibh Iompair’ no righ thig thar tuinn Boinne ’s uaisle na’n fhior-fhuil tha ’m fior Mhic o’ Dhuinn. Failt air an Daoimein tha boillsgeadh ad chrun. A Bhana-phrionnsa ailt ’thug a lamh dhut ’sa run, Cha’n ioghnadh sinn thoirt uigh dhi an duthaich nam beann, ’S i simplidh ’na morachd mar neoinean nan gleann.” CONA. “Chaidh mo shinnsirean,” ars a’ bhean uaibhreach, “fhògradh à Sarunn air son an creideamh.” “O,” air am fear ris an robh i bruidhinn, “cha’n eil sin a’ cur ioghnadh sam bith ormsa. Chaidh dithis dhe mo shinnsirean fhèin air son a cheart ahbhair fhògradh á Gáradh Eden. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B [TD 333] [Vol. 8. No. 42. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha am Marion a nise ruith esdar an da Shidni ’s Hogamah, a taghal anns na puirt ’sam b’àbhaist dhi air an turus. Tha baile Cape Town, an Africa Deas, a cur da mhile dolair a dh’ionnsuidh muinntir Hull us Ottabha. Bha’n t-suim sin cruinn aig an t-sluagh an ceann thri latha ’n deigh dhaibh an sgeul a chluinntinn. Bha teine millteach ann am baile St. Catherines’, Ont., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha factory air an losgadh anns an robh mu choig ceud duine ’g obair. Tha an call air a mheas aig leth muillein dolair. Chaidh buntainn gle fhialaidh ris an t-sluagh a chaill an cuid dhe’n t-saoghal ann an teine Hull. Tha airgiod gu leòr air a chur cruinn dhaibh cheana, agus tha iad a’ tòiseachadh ri togail nan taighean air na làraichean loisgte. Chaidh còrr us tri cheud gu leth mile ròn a mharbhadh le iasgairean Newfoundland ann an da mhios air an earrach so. ’S fhiach na chaidh a ghlacadh leotha de dh’ iasg dhe gach seòrsa, o thoiseach na bliadhna, gle fhaisg air leth muillein dolair. Tha dithis dhaoine fo bhinn bàis an Cuebec; fear Dube air son tuathanach a mhort aig Lake Beauport, an October s’a chaidh, agus fear Cazes air son a bhean a mharbhadh ’se air an daoraich ann a February s’a chaidh. Tha iad ri bhi air an crochadh air an deicheamh latha de Iulaidh. Thatar ag radh gu bheil coig ceud Frangach a’ cogadh air taobh nam Boereach ann an Africa mu Dheas, a bharrachd air àireamh Ghearmailteach agus muinntir dhuthchannan Eòrpach eile. Tha mar an ceudna buidheann de dh’ Eirionnaich fo bhratach Chrugair; dh’ fhalbh a’ mhor-chuid dhiubh sin as na Staidean. Sgaoil Volskraad, no pàrlamaid an Transvaal, air an t-seachdamh latha dhe’n mhios so. Cha’n eil teagamh nach e sin an turus mu dheireadh a gheibh Pol Cruger cothrom pàrlamaid a dhùthcha a sgaoileadh. Mu ’n tig am a fosgladh no dùnadh a rithist, tha dòchas againn gu’m bi na Breatunnaich an ùghdarras am Pretoria. Shil beagan sneachda ann am Boston air an deicheamh latha dhe ’n mhios so. Ann an New York, beagan lathaichean an deigh sin, bha teas cho mor aca ’s gu robh àireamh dhaoine air am bualadh leis a’ ghréin, fear dhiubh cho dona ’s gu ’n do chaill e ’bheatha. Tha e coltach gu bheil an t-side anns na Staidean faisg air a bhi cho caochlaideach ’sa tha i anns an dùthaich so fhéin. Tha a’ ghort gun lasachadh ann an cearnan de dh’ India, agus tha ’n cholera a bristeadh a mrch am measg an t-sluaigh, ’g an toirt air falbh ’nan ceudan. Ann an àite ris an canar Mandivee, chaochail ceithir cheud ann an tri latha; tha na bàis cho lionmhor ’s nach urrainnear na cuirp a chruinneachadh air son an tiodhlacadh, agus tha moran dhiubh air am fàgail ’nan sineadh ’sa ghréin o latha gu latha. Chaidh ùmhladh a chur air dithis dhaoine ann a Halton, Ontario, o chionn ghoirid, airson a bhi feuchainn ri bhòtaichean a cheannach aig am taghaidh fir-pàrlamaid anns an t-siorrachd sin. Tha aca ri da cheud dolair an urra a phàigheadh, air neo a bhi air an cur fad shia miosan dh’ an phriosan. B’ àil le fear dhiubh a dheanamh a mach nach robh e ach “mar mhagadh,” ach rinn an luchd-ceartais a mach gur ann a bha e “a cheart-da-rireadh,” agus thug iad an aon bhreth air ’sa thug iad air an fhear eile. Tha litrichean a thainig o chionn ghoirid o chuid de na daoine dh’fhalbh á so do ’n chogadh, ag innse gu robh iad a’ fulang ana-cothrom mor le truimead an uisge bha sileadh. Bha aca ri cadal air an làr na h-uile oidhche, agus an t-uisge sileadh cho trom ’s gu’m biodh e lòin timchioll orra ’sa mhaduinn. Cha robh an nàmhaid, aig àm sgriobhaidh, faisg orra, agus bha chuid mhor dhiubh ann an deagh shlàinte, dh’ aindeoin na cruadalan troimh ’n robh iad a dol. Bha iad a’ mearsadh o àite gu àite an toir air na reubaltaich, agus a chuid bu mhotha dhe ’n ùine ’se hard tack bu bhiadh dhaibh. Latha nan Amadan, cha d’ fhuaìr iad sin fhéin: chaidh am flùr a chur g’ an ionnsuidh gun deasachadh, agus b’ fheudar do na h-uile fear bonnach beag no pancake a dheanamh dha fhein! Ach cha ’n eil na gillean gasda ri gearan sam bith. Di-haoine s’a chaidh, thainig an sgeul aoibhneach gu robh Mafeking air fhuasgladh. Rainig buidheann dhèn arm Bhreatunnach am baile Dior-daoin, agus theich na Boerich. ’S ann á Pretoria, ceanna-bhaile nam Boereach fhéin, a thainig an sgeul; bha gàirdeachas mor anns gach cearna de’n Impireuachd Bhreatunnaich ’nuair a fhuaireadh i. Aig fios thoiseach a’ chogaidh, chuir na Boerìch seisd ri tri bailtean Breatunnach, Ladysmith, Kimberly agus Mafekiug. Ach gu fortanach cha d’ fhtair iad aon diubh a ghlacadh. Sheas na saighdearan agus an sluagh a bh’ annta ’nan aghaidh gu duineil gus an d’ rainig cobhair iad. Lean seisd Mafeking na b’ fhaide na càch, agus bha ’n sluagh mu dheireadh cho gann dhe’n bhuadh ’s gu robh aca ri bhi beò air feòil each us mhiulaidean, agus beagan dhe sin fhein: ach a dh’ aindeoin na dh’ fhuiling iad, cha do chaill iad am misneach. Tha e nise fàs coltach nach seas na Boerich ris an arm Bhreatunnach moran na’s fhaide. Thatar ag radh gu’n do bhruadar Crugar gu ’m biodh crioch air a’ chogadh an ceann thri seachdainean, agus cha chuireadh e mor ioghnadh air daoine ged a thigeadh am bruadar sin fior gu leór. Thuirt am Morair Roberts, o chionn ghoirid, nach cuireadh e ’aghaidh air Pretoria, ceanna-bhaile ’n Transbhaal gus am biodh na réiseamaidean Gàidhealach agus na réiseamaidean à Canada ’s as na colonies eile an uidheam gu faibh còmhla ris. Tha e coltach gu bheil e ’meas gu ’n d’ rinn saighdearan nan colonies deagh obair, ’nuair a tha e ’g an coimeas ris na Gàidheil, ’s ’gan cur air thoiseach air na saighdearan eile. POSADH. —Ann an Sidni, Maigh 22, leis an Urr. F. C. Simpson, Seoras S. Mac Amhlaidh, a Glace Bay, ri Mairearad Ros, a Port Morien. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. SYDNEY CASH STORE. Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig, J. C. MILLS, - - - Sidni. STOR ADAN. Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh. H. H. MAGEE. Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY. May 3, ’00—1yr. A. J. G. MacEACHUINN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c. Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland. SIDNI, C. URRASACHADH. Beatha, Teine, Glaine, Sgiorradh, Longan, etc A. M. CROFTON, ROSS BLOCK, - - - SIDNI. [TD 334] [Vol. 8. No. 42. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 331.) Macleoìd a mach, agus mar an ceudna de na th’ ann am “Fear-tathaich nam Beann,” a chuir an Dr. Clerk fhein a mach. Theirig na chuireadh a’ ’n clò dhiubh so, agus is ni taitnich e r’ a innseadh gu’m bheil a nis an leabhar so, “Caraid nan Gaidheal,” air a chuir a’ ’n clò an dara uair le fear de mhuinntir Shléibhte, Tormoid Macleoid, a tha na fhear-cuir-mach, agus reicidh leabhraichean a’ ’n Dunéidin. Gheibhear an leabhar leis a Phost airson sia tasdain agus ochd sgillinn, agus cha mheasar daor e le duine ’sam bith a gheibh e. SLEIBHTE. La Fheill Phoil, 1900. A Tragic Comedy. LE DONULL MAC CALLUM. Cha luaithe dh’ fhàg The MacDodo na fir ’s a’ phrìosan, a feitheadh air lath’ a mhoid, na chaidh e far an robh biodh Lady Myshrym, air eagal ’s gu ’m Capt Goblets roìmhe air, a thagradh a làmh, a reir a chumhnant a rinn i ris, agus air dha fàth a thuiris a chuir an céil ag ràdh:—“Having now, my dear lady, as your ladyship’s faithful and valiant knight errant, fulfilled your behest, I come here before your noble ladyship to claim my reward.” Bha fios aig a bhantraich mhòir air tuile mu’n chùis na bha duil aige, agus mar so fhreagair i—“My dear lord, The MacDodo, will your noble lordship have the goodness to wait for my answer till the trial of the poachers is over, on the understanding that it will be ruled by what happens?” Cha robh dol ás aig an triath ach a bhi riaraichte leis an fhreagairt so agus aontachadh lethe. Teagamh ’s am bith cha robh aige nach feumadh a freagairt a bhi fabharach air an ath latha. Air doigh cha robh e duilich nach deach a chùis a thoirt gu ceann. Bha beagan laithean aig fathast d’ a shaorsa agus d’a shonas a bha e, na aineolas, deònach ìobairt air altair an Iodhol Dioghaltas. Fa-chomhair là a mhòid anns an robh e g’a dheanadh féin cinnteach ’am biodh Loirean is an Gille Bàn air an diteadh, agus, troimh an làmh a bhiodh aige féin ’sa chùis, am biodh misneach aige gu bhi tagradh làmh na bantrach mhòir, dh’ ullaich Henry V. cuirm air son a chàirdean, math ri theatricals air son an t-slòigh. Air son a chluich air na clàir sgriobh e— VON MICHAEL, OR THE POACHERS POACHED; A TRAGIC COMEDY BY THE MACDODO, HENRY V. Air beuladh an stage rinn e suas cathair rioghail, anns an cuireadh e an lady na suidhe, agus air gach taobh dhith ’s air a cùlthaobh chuir e aiteachan suidhe do na h-uaislean mòr eile. Air an cùlthaobhsan bha na daoine cumanta ri bhi na’n suidhe no na’n seasadh mar a thachaireadh. Air lá na deuchain chrunnaich na h-uaislean mòra do thall’ a mhóid a dh’ fhaicinn ciod a dh’ éireadh do na poachers. Air dhoibh neo-chiontachd (not guilty) a thagradh chaidh an dearbhadh (proof) air aghaidh. Mar so thuirt an Fiscal—My lord, I am to prove that these men at the Bar, Loran and Gilbain, are guilty of the crime of poaching, and to plead that they be punished according to law. I shall lead evidence to show that a scoundrel calling himself Von Michael (one, I doubt not, of his many aliases), feloniously induced these poor simpletons to trespass in pursuit of game on the property of the lord The MacDodo. Air dha siod a dhearbhadh le fianaisean dh’ fheòraich Loirean am faotadh Henry V. a bhi air a chuir ann am bocsa na mionn (witness box) agus a bhi air a mhionachadh a chum’s gum freagradh e aona cheisd a bha aige ri chur air. Thuirt an Siorra gu’m faodadh siod a bhi air a dheanadh. Chaidh The MacDodo do bhocsa na mionnan agus a mhionachadh, agus so a cheud cheist a dh’ fheòraich Loireand heth—Is your lordship, The MacDodo, the individual disguised in horse’s mane and an artist’s pock suit, calling himself Van Michael, who engaged us to shoot game on your property, and promised to pay us well for the same? Dh’ fheum The Mac Dodo aideachadh gum b’e, agus ’nuair a sguir an gàire mòr a thog an sluagh, ’s an lacharstaich, a deir an Siorra—I dssmiss Loran and Gilbain from the Bar without a stain on their character. Tha Breatunn am bliadhna dol a thoirt do na h-iasgairean Geancach a bhios ag iasgach tìmchioll Newfoundland na ceart shochairean a tha ri bhi air am buileachadh air na h-iasgairean Frangach. Bha na Frangaich roimhe so ag agairt lan chòir air a chladach a deas, ach cha ruig iad a leas a bhi ’g agairt sin na ’s fhaide; bidh iad an deigh so air an aon ruith ri muinntru dhuthchannan eile. Tha sinu a’ creidsinn nach robh latha-breth na Ban-righ’nn riamh air a chumaich na b’ fhein na fha e air a bhliadhna so. Tha an cogadh an deigh an Impiuachd Bhuatunnach a thàthrdh ri cheilt mar nach robh i riamh roimhe. Ann an Australia ’n Iar, cha ’n eil ach 54,000 bhoirionnach ann mu choinneamh 114,000 fhirionnach. Sin an dùthaich anns am faigh a h-uile te leannan. Feuchamaid uile air an t-samhradh so ri àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhublachadh. Ma theid sinn ris le dichioll gabhaidh sin deanamh furasda gu leòr. ’Nuair a thig thu dh’an bhaile cheannach ni sam bith, dean roghainn dhe na marsantan aig am bheil sanas anns a MHAC-TALLA. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaidh. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies, L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. J. D. W. CAIMBEUL, FEAR DEILBH THAIGHEAN. OIFIS:—ROSS BLOCK, P. O. BOX 41. SIDNI, - - - - C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 335] [Vol. 8. No. 42. p. 7] Anmean Dhaoine. AM BEURLA ’S AN GAILIG. Adam—Adhamh. Albert—Ailbeart. Alexander—Alasdair. Allan—Ailean. Alpin—Ailpean. Andrew—Aindreas. Angus—Aonghas. Archibald—Gilleasbuig. Arthur—Artair. Bernard—Bearnard. Charles—Tearlach. Christopher—Gillecriosd. Colin—Cailean. Coll—Colla. David—Daibhidh. Daniel—Daniel. Donald—Domhnull. Dugald—Dughall. Duncan—Donncha. Edward—Iomhair. Ewen—Eoghann. Farquhar—Fearchar. Finlay—Fionnladh. Francis—Fraing. George—Seoras. Gilbert—Gillebride. Hugh—Uisdean. Hector—Eachann. John—Iain, Eoin. Joseph—Eosaiph. James—Seumas. Kenneth—Coinneach. Lewis—Luthais. Malcolm—Calum. Martin—Martuin. Mìchail—Micheil. Moses—Maois. Murdoch—Murcha, Muireach. Nicol—Neacal Niel—Niall. Norman—Tormaid. Paul—Pol. Patrick—Paruig, Padruig. Peter—Peadar. Richard—Ruaiseart. Robert—Raibeart. Roderick—Ruairidh. Ronald—Raonull. Samuel—Somhairle. Simon—Sim. Thomas—Tomas. Torquil—Torcall. Walter—Bhaltair. William—Uilleam. AINMEAN BHAN. Amelia—Aimil. Anabella—Anabala. Ann—Anna. Barbara—Barbara. Beatrice—Beitiris. Catherine—Catriona. Christian—Cairistine. Clara—Sorcha. Elizabeth—Ealasaid. Flora—Fionnaghal. Grace—Georsal. Helen—Eilidh. Isabella—Iseabal. Janet—Seonaid. Jane—Sine. Louise—Leusaidh. Margaret—Mairearad. Marjory—Marsale. Mary—Mairi, Muire. Euyhemia—Oighrig. Rachel—Rachail. Sarah—Morag. Sophia—Beathag. Susan—Suisan. Tha Impire na Germailt ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Cha ’n eil an duine bochd a’ faotainn an drasda ach ochd muillein dolair ’sa bhliadhna, agus tha e ’g iarraidh muillein eile chur ri sin. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! PUBLIC NOTICE Shorey’s Clothing is sold by Reliable Dealers only others cannot buy it, consequently you can be sure it is as represented. H. Shorey & Co., Montreal. Shorey’s All Wool Business suits Retailed at $8.00 Cannot be beaten. [TD 336] [Vol. 8. No. 42. p. 8] Bata Phort-Righ. ro hog i o, hal dal o halo i, Ho ro hog i o, hal dal o halo i, Ho ho hog i o, hal dal o halo i, Aig meud mo mhauld, cha’n nrrain Dh’fhalbh mi thar m’ eolais le ordugh Trustees. Le steamboat mhor Leoghasach a sheol a Port Righ; ’Dol timchioll na Maoile bha ghaoth ruinn a’ stri, ’S bha bata na smuid ’s mhuir dhu-ghorm fo ’druim. Ho ro hog i, &c. A nuas seach an t-Oban bha caoir air a’ ghaoith, Bha’n fhairge a’ tochdadh, ’s a’ bochdach ’na glinn; ’Nuair thaing a’ mhaduinn ’s a bha’n cadal am dhith Gu’m b’ fhearr leam na ’m faradh bhi tamul air tir. Ho ro hog i, &c. Dol seachad air Arainn bha sgal aig a ’ghaoith, Bha’n fhairge a’ stealladh mar bhainne na cich; ’Se sruth Choire-bhreacain ’dh’fhag mise ro-sgith, ’S gach taland a bh’ agam ’n an luidhe ’s chuan shios. Ho ro hog i, &c. Gur mis’ tha fa mhulad ’s mi ’siubhal a’ chuain, ’S mi falbh do na h-Innsean ri sid an droch uair; Croinn bhi g’an rusgadh, a’s siuil ga’n toirt bhuainn ’S an long mhoir air leth-taobh ’s i’ gleachd ris a chuan. Ho ro hog i, &c. ’Dol seachad air Gouiarg bu chorrach a com, Bha cair gheal mu toiseach ’si sgoltach nan tonn; A suas amhainn Chulaidh ’n uair a fhuair i ’mhuir lom Dol stigh gu Port-Glaschu gu caladh nan long. Ho ro hog, i, &c. ’Nuair rainig mi Glascho fearann nan Gall, Thachair orm bodach le chanain nan Ghall; Mur bithinns’ ro-fhoghluimte air ’sheors’ anns ’an am Cha tuiginns’ a chanain—cha b’i Ghaidhlig a bh’ann. Ho ro hog i, &c. ’Nuair chaidh mi ’Dhun-eideann gu palais nam buth Bha’n t-each-iarruinn ’n a ghleus a’s gu’m b’ eibhinn a ghnuis; ’Nuair shineadh e reis air an rail ghlan bha dluth, Cha b’e gille le srien ’chumadh ceum ris an dluths. Ho ro hog i, &c. ’S gur mis ’tha fo mhi-ghean ’s an tir so an drasd, Bho’n thug mi mo chulaobh ri duth’ch nam beann ard, Tha m’inntinn an drasda ag raidhtinn rium fhin, Gu’n till mise sabhailt’ le Bata Phort-Righ. Ho ro hog i, &c. Rinneadh an t oran so le cuid-eigin anns an Eilean Sgitheanach, ach cha’n eil fhios co e. Tha sinn a’ faicinn gu bheil “Fionn,” ann an aon de phaipeasan na Seann Duthcha a’ feorach air son ainme. Ma tha fhios aig aon de luchd leughaidh MHIC-TALLA co a b’ughdar do “Bhata Phort-Righ,” bidh sinn ’na chomain ma bheir e dhuinn fiosrachadh sam bith is urrainn dha thoirt m’a thimchioll. Triall A’ Gheamhraidh. (Gloomy Winter’s noo awa’.) Tha ’n geamhradh gruamach uainn air fablbh, Gaoth an Iar gu ciatach blath, A measg nam bruachan uaine tamh, Tha ’n smeorach seinn gu h-eibhinn ard. ’S milis cubhraidh leam gach flur, Tha fas ’san doire dhealtach dhluth, Mar t-aogas fein a mhaighdeann chiuin, Gur tu mo run mo grhuagach og. Gluais mo chailin, ’s biomaid triall, Do’n bhruthach dhuilleach ’s dealeach griau, Nar laithibh eibhinn anns na glinn, Caithidh sinn gun sgios gu brath. ’G eiridh suas ’s na neoil gu h-ard, Tha n riabhag mhaidne seinn do ghnath; Bla an t-seilich anns na blair, Mar chanach ban nam fuaranaibh. M’ an cuairt d’no t-sithein fas gu dluth, A’ comhdach chreag tha ’n raineach ur; Tha ’n t-alltan falbh fo’n bhruaich gu ciuin, ’S gach ni gu sunndach, uallach ann; Ach feudadh coille, fas do ghna, ’S na h-eoin bhi seinn ’s am feur a’ fas; Ach aoibhneas cha ’n fhaigh mi gu brath, Mar bi thu fein do m’ reir a ghraidh. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dce. 8,’99.—1yr. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. MA THA THU AIR SON CARBAD FASANTA bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON :—Buggies, Phætons, Expresses, agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. $10,000.00. Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le Matheson, Townsend & Co., Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa. Anabarrach Saor! Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. [TD 337] [Vol. 8. No. 43. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 1, 1900. No. 43. SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. IX. Am feadh ’s a bha Abraim air falbh ag iarraidh gach ni a bhiodh feumail air son an suipearach, bha Nouredin agus Bean na Maise ag imeachd sios is suas air feadh a’ gharaidh. Mu dheireadh thainig iad gu pailliun nan dealbhannan a bha ann am meadhain a’ gharaidh. Sheas iad greis ’ga amharc, agus ioghnadh gu leor orra aig cho mor ’s cho ard ’s cho briagha ’s bha e. Agus an uair a ghabh iad sealladh math dheth o gach taobh, dhirich iad suas an staidhir de mharmoir geal a bha air a bheulaobh gus an d’ rainig iad an dorus. Bha ’n dorus glaiste, agus cha ’n fhaigheadh iad a steach. Thill iad air an ais, agus mu ’n àm ’s an robh iad aig bonn na staidhreach bha Abraim air tilleadh agus eallach a dhroma de bhiadh de gach seorsa air a mhuin. “Abraim,” arsa Nouredin, agus ioghnadh gu leor air, “nach duirt thu rium gur ann leat fhein a tha ’n garadh?” “Thubhairt,” ars’ Abraim, “agus tha mi ’g a radh fhathast.” “Agus an ann leat a tha ’m pailliun mor, maiseach so?” arsa Nouredin. Cha robh fhios aig Abraim gu ro mhath ciod a theireadh e an uair a chual’ e so. Thuirt e ’na inntinn fhein, “Ma their mi nach ann leam a tha ’m pailliun, feoraichidh iad dhiom cia mar a tha ’n garadh leam mur a leam am pailliun.” O ’n a thug e orra ’chreidsinn gu ’m bu leis an garadh, smaoinich e gu ’n tugadh e orra ’chreidsinn gu ’m bu leis am pailliun mar an ceudna. “A mhic,” ars’ esan, “is leamsa am pailliun mar is leam an garadh.” “Ma tha sin mar sin,” arsa Nouredin, “o ’n a tha thu ’g iarraidh oirnn fuireach maille riut an nochd, ni thu de dh’ fhabhar ruinn gu ’n seall thu dhuinn an taobh a staigh dheth, oir ma tha e cho briagha ’na bhroinn ’s a tha e an taobh am muigh, feumaidh gu ’m bheil e anabarrach maiseach.” Cha fhreagradh do Abraim am fabhar so a dhiultadh do Nouredin an deigh na nochd e dha de chaoimhneas roimhe sid. A bharrachd air so, bha e ’smaointean nach tigeadh an righ do ’n phailliun an oidhche ud o nach do chuir e fios g’ a ionnsuidh mar bu ghnath leis, agus air an aobhar sin chuir e roimhe gu ’n gabhadh e fhein agus na h-aoidhean an suipear anns a’ phailliun. Chuir e am biadh aig bonn na staidhreach, agus fhalbh e do ’n t-seomar aige fhein a dh’ iarraidh na h-iuchrach. Thill e ann an uine ghoirid agus dh’ fhosgail e an dorus. Chaidh Nouredin agus Bean na Maise steach do ’n talla, agus bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad cho maiseach ’s a bha e. Gun ghuth a thoirt air an aireamh mhoir dhealbhannan maiseach a bha ’n crochadh mu-thimchioll na ’m ballachan, bha na langsaidean agus gach ball eile dhe ’n innsreadh a bh’ anns an talla anabarrach riomhach agus maiseach. A bharrachd air na coillearan a bha air taobh am muigh nan uinneag gus a bhith ’cur seillse o ’n phailliun an uair a bhiodh an oidhche [?] bha aireamh choillearan air taobh a staigh gach uinneig, agus coinneal cheireach anns gach fear dhiubh. An uair a bha Nouredin a’ gabhail beachd air na nithean so thainig an suidheachadh greadhnach anns an robh e ’s an am a dh’ fhalbh as ur gu ’chuimhne. Aig a’ cheart àm bha Abraim a’ deasachadh an suipearach, agus an uair a bha gach ni deas, shuidh e fhein agus Nouredin agus Bean na Maise aig a’ bhord. An uair a chuir iad crioch air an t-suipear agus a nigh iad an lamhan, thug Nouredin na comhlachan bhar te dhe na h-uinneagan, agus thuirt e ri Bean na Maise, “Trobhad an so, a cheisd agus seallamaid air a’ gharadh mhaiseach so ri solus na gealaich; cha ’n fhaca mi riamh sealladh a’s briagha na e.” Chaidh i thun na h-uinneig comhladh ris, agus thug iad greis air gabhail beachd air gach ni a bha iad a’ faicinn. Bha Abraim aig an àm a’ togail air falbh gach ni a bha air a’ bhord. An uair a thainig Abraim far an robh iad, dh’ fheoraich Nouredin dheth an robh deoch sam bith aige a bheireadh e dhaibh. “Ciod i an deoch a b’ fhearr leibh?” ars’ esan. “An e sherbet? Tha sherbet agam cho math ’s a gheibhear an aite sam bith. Ach tha fhios agaibh nach bi duine sam bith ag ol sherbet an deigh a shuipearach.” “Tha fhios agam air sin gle mhath,” arsa Nouredin. “Cha ’n e sherbet a tha mi ag iarraidh idir ach seorsa dibhe eile; agus tha ioghnadh orm nach ’eil thu ’g am thuigsinn.” “An e fion a tha thu ’ciallachadh?” ars’ Abraim. “Tha thu ceart gu leor,” arsa Nouredin; “agus ma tha e agad, bidh mi fada ’na do chomain ma bheir thu dhuinn botul dheth. Tha fhios agad gu ’m bheil botul fiona an deigh na suipearach ’na chompanach cho math ’s is urrainn a bhith gus an uine a chur seachad.” “Gu ’n gleidheadh Dia mise o fhion a chumail ’nam thaigh, agus o dhol gu brath a dh’ aite anns am bithear ’ga ol!” ars’ Abraim. “Duine mar a tha mise a chaidh ceithir uairean air turus-crabhaidh gu ruige Meca, agus a chuir gu brath dubh-chul ri fion.” “Nochdadh tu caoimhneas mor dhuinn,” arsa Nouredin, “nam faigheadh tu beagan dhuinn ri ol. Agus mur bi e ’na thuilleadh ’s a’ choir de dhragh dhut, cuiridh mise thu air doigh anns am faigh thu dhuinn e gu ’n dol a steach air dorus an taigh’-osda, agus gun uiread ’s do lamhan a chur air an t-soitheach anns am bi e.” “Air a’ chumhnanta sin theid mi g’ a iarraidh dhut,” ars’ Abraim; “ach feumaidh tu innseadh dhomh cia mar a theid mi ann an ceann mo ghnothaich.” “Innsidh mise dhut mar a ni thu, ma ta,” arsa Nouredin. “Chunnaic sinn asal ceangailte aig geata a’ gharaidh. Feumaidh gur ann leatsa ’tha i, agus faodaidh tu falbh leatha uair sam bith a thogras tu. So agad da bhonn oir eile. Thoir leat iad agus an asal agus na cleibh a dh ’ionnsuidh an taigh-osda a’s fhaisge dhut. Faodaidh tu seasamh astar math o ’n dorus. Thoir beagan airgid do ’n cheud neach a thig an rathad am bi thu, agus iarr air a dhol do ’n taigh-osda agus da phige fhiona a cheannach dhut, agus fear dhiubh a chur anns gach cliabh, agus mar so thugadh e an asal air ais g’ ad ionnsuidh. Cha bhi agad ri dheanamh ach an asal iomain romhad. Bheir sinne am fion as na cleibh. Ma ni thu mar so cha bhrist thu air do bhoidean.” An uair a chunnaic Abraim an da bhonn oir a bha e ’dol a dh’ fhaotainn, thainig saod math air. “Ah! mhic,” ars’ esan, “tha thu anabarrach innleachdadh; agus mur b’ e an innleachd a dhealbh thu, cha bhiodh e an comas dhomhsa fion a thoirt g’ ad ionnsuidh gun fhoirneart a dheanamh air mo chogais.” An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e, agus ann an uine ghoirid thainig e air ais agus am fion aige. An uair a thill e chaidh Nouredin sios an staidhir, agus thug e suas leis am fion do ’n talla. An uair a chuir Abraim an asal air ais far an aobh ì roimhe, chaidh e air ais do ’n talla mar an ceudna. “Cha ’n urrainn duinn a bhith taingeil gu leor dhut, Abraim,” arsa Nouredin, “air son an dragh a tha sinn a’ sior chur ort, “ach tha rud a dhith oirnn fhathast.” “Ciod e tha dhith oirbh? Ciod an tuilleadh seirbhis bu mhiann leibh mi dheanamh dhuibh?” ars’ Abraim. “Cha ’n ’eil cupanan againn leis an ol sinn am fion, agus cha bu mhisde sinn beagan mheasan, nam biodh iad agad.” “Iarraibh gach ni a’s aill leibh, agus bheir mise dhuibh iad,” ars’ Abraim. Chaidh e am mach as an t-seomar, agus ann an uine ghoirid thill e, agus chomhdaich e am bord le soithichean maiseach lan dhe gach uile sheorsa mheasan milis blasda; agus thug e dhaibh cupanan oir is airgid gus am fion ol asda. Agus an uair a dh’ fheoraich e an robh rud sam bith eile a dhith orra, dh’ falbh e am mach as an talla, ged a bha iad ’g a choiteach gu fuireach comhladh riutha. Shuidh Nouredin agus Bean na Maise aig a’ bhord a rithist, agus dh’ ol iad cupan an t-aon dhe ’n fhion. Chord am fion riutha gle mhath. “A nis, a cheisd,” arsa Nouredin ri Bean na Maise, “nach sinn daoine cho fortanach ’s a th’ air an t-saoghal an uair a fhuair sinn dh’ a leithid so a dh’ aite an deigh a liuthad cunnart a thachair ruinn? Biomaid subhach, agus na tugamaid smaointean air gach cruadal troimh an deachaidh sinn air ar turus. An urrainn sonas a’s mo a bhith agam anns an t-saoghal so na thusa bhith air aon taobh dhiom, agus am botul fiona air an taobh eile.” Dh’ ol iad cuid mhath dhe ’n fhion, agus bha iad a’ cur seachad na h-uine le comhradh taitneach agus le gabhail oran. O ’n a bha guth math aca le cheile, gu h-araidh aig Bean na Maise, chord na h-orain gle mhath ri Abraim, agus e am falach ’g an eisdeachd an taobh [TD 338] [Vol. 8. No. 43. p. 2] am muigh dhe ’n dorus. Mu dheireadh cha b’uarainn e cumail air fhein, agus o ’n a bha e an duil gu ’n robh Nouredin air mhisg, chuir e a cheann a steach air an dorus, agus thuirt e, “Biodh misneach mhath agad, mo thighearna; is math leam d’ fhaicinn cho toilichte.” “Is e duine cliuiteach a th’ annad, Abraim,” arsa Nouredin, “agus tha sinn anabarrach fada ’na do chomain. Cha dana leinn iarraidh ort cupan dhe ’n fhion ol; ach thig a steach, agus cuir a dh’ urram oirnn gu ’n suidh thu comhladh ruinn.” “Leanaibh romhaibh, leanaibh romhaibh; tha mise toilichte gu leor le bhith ’g ur n-eisdeachd,” ars’ Abraim ’s e tilleadh am mach a dorus an talla. Sheall Bean na Maise am mach troimh ’n uinneig, agus chunnaic i Abraim ’na sheasamh air an staidhir an taobh am muigh dhe ’n dorus. Agus thuirt i ri Nouredin, “Tha thu ’faicinn gu ’m bheil e fad’ an aghaidh an fhiona; ach cha ’n ’eil an teagamh a’s lugha agam nach tugamaid air rud dheth a ghabhail, nan deanadh tusa mar a dh’ iarrainn ort.” Dh’ fheoraich Nouredin dhi ciod a bha i ag iarraidh air a dheanamh. “Thoir thusa an t-ordugh dhomh, agus ni mise rud sam bith a dh’ iarras tu orm,” ars’ esan. “Thoir air tighinn a steach agus cuideachd a chumail ruinn; an ceann uine lion cupan dhe ’n fhion, agus tairg dha e. Ma dhiultas e ghabhail uat ol fhein e, leig ort gu ’m bheil thu air tuiteam ’na d’ chadal, agus fag an corr dhe ’n ghnothach agam fhein. Thuig Nouredin gu math ciod a bha Bean na Maise a’ ciallachadh, agus ghlaodh e ri Abraim tighinn thun an doruis. “Abraim, tha sinne air aoidheachd agad,” ars’ esan; “nochd thu gu toileach aoidheachd agus caoimhneas mor dhuinn, agus an diult thu nis a dh’ urram a chur oirnn cuideachd a chumail ruinn car uine? Cha ’n ’eil sinn ag iarraidh ort deur ol, ach bu mhath leinn thu bhith ’nar cuideachd.” Mu dheireadh dheonaich Abraim tighinn a steach do ’n talla, agus shuidh e air langsaid faisge air an dorus. “Cha ’n ’eil thu ’na do shuidhe ann an aite ceart,” arsa Nouredin; “cha ’n urrainn sinn d’ fhaicinn. Guidheam ort thig na ’s dluithe dhuinn, agus suidh ri taobh na mna-uaisle. Is ro thoigh leatha thu bhith laimh rithe.” “Gabhaidh mi do chomhairle,” ars’ Abraim. An uair a thuirt e so, thainig e, agus e mar gu ’m biodh car de naire air, agus shuidh e gu diblidh faisge air Bean na Maise. Dh’ iarr Nouredin oirre oran a ghabhail mar urram do Abraim; agus ghabh i oran a thaitinn ris gle mhath. An uair a chuir Bean na Maise crioch air an oran, lion Nouredin cupan dhe ’n fhion, agus thairg e do Abraim e, ag radh, “Tha mi ’guidhe ort, Abraim, gu ’n ol thu so air ar slainte.” “Mo thighearna,” ars’ esan, agus e ’tarruinn air ais mar gu ’m biodh oillt air roimh shealladh dhe ’n fhion, “tha mi guidhe ort gu ’n gabh thu mo leithsgeul; dh’ innis mi dhut mar tha gu ’n do bhoidich mi o chionn iomadh bliadhna nach blaisinn air deur fiona.” “Ma tha thu ’miugh ’s am mach a’ cur an aghaidh ol air ar slainte,” arsa Nouredin, “ceadaich dhomhsa na bheil anns a’ chupan ol air do shlainte fhein.” (Ri leantuinn.) DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XVIII. “Is e ’n diugh Di-sathairne,” arsa Domhull, “agus feumaidh sinn feuchainn ri biadh is connadh gu leòr fhaotainn airson an latha màireach. Tha mi fhein suidhichte nach dean mi gu bràth tuilleadh obair sam bith air Di-Dòmhnaich ach obair na h-éiginn agus na tròcair. Cha ’n i ’n an obair a bh’ againn air bòrd na luinge a dh’ fheumas a bhith againn an so idir. Agus ma bhios mi air luing ’n a dhéigh so, tha dòchas agam nach bi mi ’cur seachad na h-ùine air Di-dòmhnaich mar a b’ àbhaist dhomh.” “Ma gheibh sinn de bhiadh ’s de chonnadh na dh’ fhoghnas dhuinn gu Di-luain, cha’n ’eil mi ’faicinn ciod an obair a ruigeas sinn a leas a dheanamh am màireach. Tha sinn feumach gu leòr air fois; oir tha sinn gun tàmh o ’n a thàinig sinn an so, ach fhad ’sa bha sinn ’n ar cadal. Agus gu cinnteach ceart, cha robh mo chadal fhéin ach luaineach gu leòr; oir bha eagal mo chridhe orm gu’n tigeadh creutair fiadhaich air choireiginn an rathad a chuireadh dragh oirnn. Chaidleadh tusa cho trom ris a’ chloich. Na ’n tigeadh uile-bhiast an rathad, dh’ itheadh i thu mu’n tàrradh tu dùsgadh.” “Cha ’n ’eil mise faicinn c’arson nach caidlinn trom gu leòr, oir tha mi ’gam chur fhein air cùram an Athair shiorruidh an uair a tha mi ’dol a laidhe. Tha iomadh earrann de dh’ fhacal Dhé, agus iomadh facal a chuala mi aig m’ athair ’s aig mo mhàthair a’ tighinn gu tric ’n am chuimhne o’n a thàinig sinn do’n eilean. “An uair a bha m’ athair an galair a bhàis bhiodh e gu math tric a’ toirt misnich dh’ am mhàthair, agus a’ cur earrannan dhe’n Bhìobull na cuimhne. Cha’n eil air chuimhne agam an dràsta ach na briathran so:—“Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu.” “A’ tilgeadh bhur n-uile chùram airsan; oir tha cùram aige dhibh.” An déigh a bhàis bhiodh i fhein is mnathan eile ’bruidhinn mu na h-earrannan so.” “Ma ta, ’Dhomhuill, is math dhut fhein gu’n robh pàrantan agad a bha ’ga do theagasg anns an doigh sin. Ged nach d’ fhuair mise mòran eòlais air a’ Bhìobull, tha mi ’làn chreidsinn nach ’eil leabhar eile ann o’m faigh duine uiread de mhisnich an àm na h-eiginn ’s a gheibh e o’n Bhìobull. O’n a thainig againn air bruidhinn mu’n chùis faodaidh mi innseadh dhut nach robh mi ach glé og an uair a dh’ eug mo mhàthair. Ma bha gus nach a robh bheag a dh’ eòlas aice air facal Dhé cha ’n urrainn mi bhith cinnteach. Phòs m’ athair an ceann bliadhna, agus an uair a cuuala bràthair mo mhàthair cho olc ’s a bha mo mhuime dhomh, thug e leis mi. Ach cha bu duine e aig an robh suim sam bith do nì a bhuineadh do’n ath shaoghal. Bha baile beag fearainn aige, agus, mur do mheall mo bharail mi, cha robh ni fo ’n ghréin air an aire aige ach gnothaichean an fhearainn agus na spréidhe. Cha ’n fhiosrach mise gu’n do leugh e riamh caibidil dhe’n Bhìobull ’na thaigh fhein, no ’n àite sam bith eile. Agus cha’n eil mi ’creidsinn gu’n do lùb e ’ghlùinean riamh a dh’ urnuigh moch no anamoch. Ma’s e sin fhein, cha deanadh e altachadh aig àm bìdh na ’s lugha na thachradh coigreach a bhith aig a’ bhòrd maille ris. Bha ’bhean a cheart cho dìon thun an t-saoghail so, agus cho coma dhe’n ath shaoghal, ris fhein. Na’n robh teaghlach trom aca, shaoilinn gu’m biodh beagan dhe ’n leithsgeul ri ghabhail. Ach cha robh teaghlach idir aca. Tha seanfhacal ann a tha ’g ràdh, gu’m bheil sannt seachdnar ann am fear gun mhac gun nighinn. Agus gu cinnteach ceart tha’n seanfhacal so fìor gu leòr dh’ an taobh-san.” “A réir mar a dh’ innis daoine eile dhomhsa, bha bràthair mo mhàthair a’ smaointean an uair a thug e mise leis a taigh m’ athar, gu ’n deanadh e dìleabach dhiom; ach tha chuis coltach nach robh ’bhean toileach so a dheanamh. Bha i air son gach ni fhagail aig nighean a peathar fhein. Agus a chum inntinn bràthar mo mhàthar a thionndadh gu buileach ’n am aghaidh-sa, bhiodh i ’g am shior chàineadh ris. Is cinnteach nach robh mise cho glic ’s cho iomchuidh ’s bu chòir dhomh bhith; ach nan robh a’ bheag de thlachd aicese dhiom cha bhiodh a sùil cho biorach ag amharc am mach air son a h-uile rud a dheanainn cearr. Agus a bharrachd air a so, bha i deanamh na b’ urrainn i, gun fhios dhasan, gus toirt orm falbh as an taigh. Eadar a h-uile olc a bha i ’deanamh orm, bhrosnaich i mi gu leithid de dhroch nàdar ’s gu’n d’ rinn mi iomadh nì a bha cur corruich gu leòr air brathair mo mhàthar. Mu dheireadh an uair a thuig mi nach robh rathad agam air aon seach aon aca ’thoileachadh, chuir mi romham nach fhanainn na b’fhaide. Anns an àm fhuair mi cothrom air teicheadh gun fhios dhaibh, agus a dh’ olc no dh’ éiginn gu’n d’ fhuair mi chaidh agam air faotainn air bòrd luinge gun fhios, mar a fhuair thu fhein. “Bha truas gu leòr agam riutsa an uair a thuig mi gu’n robh droch bhana-mhaighstir agad, agus b’e sin a thug orm cuideachadh a thoirt dhut gu faighinn air bòrd. “Tha thu nis a’ tuigsinn nach robh e ’n comas dhomhsa eòlas fhaotainn air facal Dhé o na daoine a bha ’gabhail cùraim dhiom ann an làithean m’ òige. Mur b’e na dh’ fhoghluim mi o sheana chìobair a bh’ aig bràthair mo mhàthar, bhithinn a’ cheart cho aineolach mu Dhia ris na brùidean. Bhiodh an duine so a leughadh air taobh a’ chnuic, a h-uile uair a bhiodh ùine aige. Cha’n fhoisrach mi gu ’n robh e latha riamh, fhad ’s a b’ aithne dhomhsa e, gun earrann dhe’n Bhiobull aige ’na phòcaid. Mar bu trice b’e gnàthfhacail Sholaimh a bhiodh e ’leughadh dhomhsa. Bhiodh e ag innseadh dhomh gu ’m b’ e Solamh duine bu ghlice a bha riamh air an t-saoghal, agus gu’n robh na gnàthfhacail làn de theagasg a bha anabarrach freagarrach air daoin’ òga.” “Tha thu ’cur ’n am chuimhne ceathramh de laoidh bhriagha ’bhithinn a’ cluinntinn aig m’ athair an uair a bha mi ’n am ghille beag. Air feasgar Di-domhnaich bu tric leis a bhith ’seinn laoidhean dhuinn. So an ceathramh a tha mi ciallachadh, agus tha e glé fhreagarrach air do chor-sa an diugh:— “Cha d’ fhuair mi comhairl’ parant’ Is braithrean cha robh ann, No neach ’ghabh curam trath dhiom; Chaidh m’ fhagail anns a’ ghleann; Ged bha mi ’measg mo chairdean, Cha b’ abhaist dhaibh bhith ’cainnt Air ni ’n taobh thall de’n bhas Dheanadh sta dhomh aig a cheann.” Bha mòran de chomhradh eile eadar Callum is Domhull ’s a mhadainn ud nach riugear a leas aithris an so. Foghnaidh na dh’ aithris sinn a chum a leigeadh ris dhuinn am feum mòr a th’ ann a bhith ’cur eisimpleir mhath agus teagasgan glana na fìrinn fa chomhair cloinne an uair a tha iad òg agus maoth. Faodaidh sìol an fhacail a bhith fada ’na laidhe anns a’ chridh mu’n tòisich e ri fàs ’s ri toirt am mach toraidh. Mar is trice, tha éisean is trioblaidean lionmhor na beatha so air an tabhairt le cumhachd an Spioraid Naoimh, gu bhith ’n am meadhoinean éifeachdach a chum iomadh neach a thearbadh o’n t-saoghal. Na ’m faigheadh daoine gach nì a réir am miann, sheachnadh iad éisean is trioblaidean gu buileach. Ach o’n a tha’n t-slat-smachdachaidh ro fheumail do dhaoine an t-saoghail so, do bhrìgh gu ’m bheil seacharan is eas-umhlachd an co-cheangal riutha gu nàdarra, tha smachdachadh dhe gach seòrsa air a leagadh orra, o àm gu àm, mar chomharradh, [TD 339] [Vol. 8. No. 43. p. 3] araon gu’m bheil iad seachranach agus eas-umhail, agus mar an ceudna, gu’m bheil sùim is cùram aig an Athair nèamhaidh dhiubh. So mar a tha ’n salamadair a’ labhairt mu ’n chùis; “Mu ’n robh mi ann an amhghair, chaidh mi air seachran; ach a nis tha mi ’gleidheadh d’ fhacail.” “Is math dhomhsa gu’n robh mi ann an amhghair, a chum gu ’m foghlumainn do reachdan.” Tha’n t-abstol a’ labhairt mu smachdachadh anns an dòigh so:—“A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich an uair a chronaichear leis thu; oir an tì a’s ionmhuinn leis an Tighearna, smachdachaidh e e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e. Ma ghiùlaineas sibh smachdachadh, tha Dia a’ buntuinn ribh mar ri cloinn: oir cò am mac nach smachdaich an t-athair.” Ged a chaith iad na bha rompa dhe ’n latha gu dubh bheul na h-oidhche a’ siubhal air son seilge, cha do shoirbhich leotha ach gle mheadhonach. Chosg iad barrachd fudair is luaidhe air na bu mhath leotha, agus ged a leòn iad fear dhe na h-ainmhidhean ris an canadh iad fhein, “na feidh,” agus fear no dhà dhe na h-eòin a bha cho lìonmhor air an loch, cha d’ fhuair iad greim idir orra. Bha ’choille cho tiugh ’s nach fhaiceadh iad a’ bheag a dh’ astar rompa, agus cha robh toil aca ’dhol fada air thòir nan creutairean a leòn iad air eagal gu’n rachadh iad iomrall mar a chaidh iad an latha ’chaidh iad gu tìr. Anns a’ chearn ud dhe’n t-saoghal, tha’n oidhche cho dorcha ’s a bhitheas i ann ceann beagan mhionaidean an déigh do’n ghréin a dhol fodha. An latha chaidh iad gu tìr cha robh fhios aca air so, agus na’n robh, is docha gu ’n robh iad air tilleadh thun a’ chladaich na bu tràithe. O’n a bha iad a’ tuigsinn mar a bha cùisean thill iad air an ais ann an àm math. Cha robh de bhiadh aca ach beagan mheasan a chruinnich iad air an rathad dhachaidh thun na bothaig. Bha’n earrann bu mhò dhe na measan so anabaich; oir thàinig an oidhche orra cho ealamh an am dhaibh a bhith ’g an cruinneachadh ’s nach bu leur dhaibh co dhiubh a bha na measan làn abaich no nach robh. Ach ged a bha iad gann de bhiadh, bha connadh aca ann am pailteas. Cha b’ ann a mhain air son deasachadh a’ bhìdh a bha iad a’ cruinneachadh pailteas connaidh, no idir gus an cumail blath; oir bha’n t-eilean blàth gu leòr aig gach àm dhe’n bhliadhna, ach gu sònraichte gus fiadh-bheathaichean—ma bha iad anns an eilean—a chumail uapa fad na h-oidhche; oir bha iad a’ creidsinn gu ’n cumadh fàileadh an teine air falbh gach fiadh-bheathach a dh’ fhaodadh tighinn an rathad a bha iad. Ged a bha iad gann de bhiadh, cha do chaill iad am misneach. Bha fhios aca nach b’ eagal dhaibh, ged a bhiodh iad gun ghréim bìdh gu madainn Di-luain. Agus ged nach robh iad cho toilichte ’s a bhitheadh, na ’n deachaidh an t-sealg leotha cho math ’s bu mhiann leotha, gidheadh cha d’ thainig facal gearain as am beoil. An uair a chuir iad deagh theine air, agus a dh’ ith iad beagan dhe na measan a bh’ aca, chuir iad iad-fhein air cùram an Tighearna, agus ghabh iad mu thàmh. O’n a bha iad gu math sgìth an deigh na rinn iad de choiseachd fad an latha, thuit iad ann an ùine ghoirid na’n cadal, agus cha do dhùisg iad gus an robh a’ ghrian air éirigh gu math àrd ’s a’ mhadainn. (Ri leantuinn.) Imcheist. Highland News. FHIR-DEASACHAIDH,—Tha mi ann an imcheist nach beag aig an am, ’s bho’n a tha fios agam gu’m bheil faighidinn mhath agaibhse, feuchaidh mi ris a ghnothach a dheanamh soilleir dhuibh, ann an dòigh cho aithghearr ’s a dh’ fhaodas mi. So agaibh, mata, mar a tha ’chuis. Thainig an luiriste bhochd sin, Iain a’ Mhuilleir, an là-roimhe, ’s an déigh dha tighinn a stigh, sheas e greis air meadhon an ùlair a’ spleuchdadh air a bhrògan, dìreach mar gu’m biodh iongantas air iad a bhi air a chasan. Thug mise sùil an rathad a bha e fein ag amharc, ’s gu dearbh, cha b’e m’ ioghnadh fein dad a bu lugha, ’nuair thug mi fainear leud nam bròg. Bha h-uile te dhiu a’ cùirneachadh leac de ’n ùrlar; ach bha fhios agam nach ann a leigeil fhaicinn dhomh meud a choise a thainig Iain bochd thun an tighe, ’s dh’ iarr mi air suidhe a dheanamh. Rinn e sin, le osann throm;ach an àite bruidhinn, thoisich e air spliugail ’s air séideadh a shroine ann an leòb de nèapaiginn-poca a bha ’g amharc mar gu’m biodh e air a dheagh chartadh. “Ciod, a laochain,” arsa mise, ’s mi ’cur mo làmh air a shlinnean leathann; “ciod, a loachain, a tha cearr?” Thuirt e, ’s guileag mhuladach na mhuineal—“Mo mhàthair-chéile.” Dh’fheith mi greis a thoirt ùine dha ciùineachadh, ’s gu’n rachadh aig air innseadh ciod an sgiorradh a thachair d’a mhathair-chéile, ach a reir coltais, cha robh smid tuillidh dol a thigh’n as a cheann. Chuir mi fein mo làmh ’s a bhudhailt, ’s thug mi mach soire beag anns an robh deuran de dh’ uisge-beatha Cheann-loch, ’s thuirt mi ris; “so Iain, fliuch do bheul leis a so, ’s fheaird thu e ann ad thrioblaid?” Rinn Iain mar a dh’iarr mi; ’s tha mi meas—ged nach ann g’a mhaoidheadh air a tha mi—gu bheil beul Iain cho farsuing r’a bhròig, leis na ghabhas e de dh’ uisge beatha g’a fhliuchadh. An deigh dha an deur dibhe ’chur thar cioch a mhuineil, rinn e gnùsd no dhà, ’s thuirt e, “Is aithne dhuit mo mhàir-cheile, Dhòmhnuill.” “S aithne gu math,” arsa mise. “Boirionnach steidheil,” ars’ Iain; boirionnach air am bheil eagal—bu! hu! hu-u-u! Theab ’s nach rachadh aig Iain air innseadh, ciod a chuir eagal air a mhàthair cheile ach an déigh beagan bùraich, thuit e mach gur e, eagal an Tighearna, ’bha toil aig Iain a ràdh; ni a bha ceart gu leòir. “Boirionnach,” ars Iain, “cho eireachdail, na latha, ’s a bha ’dol do dh’ eaglais Chill a chlamhain, mur bhitheadh sgiorradh a thachair dhi, ’s i na caileig oig, ’s i dol le dinneir a h-athar, ’s a thachair an tarbh buidhe aig Còirneal Seumas oirre ’s a thàr e as a déigh, ’s dìreach, ’nuair a shaoil i nach robh dol na b’fhaid aic, ’s gu’n robh latha-bhreitheanais air a sàil; thionndaidh i ’s thilg i dinneir a h-athar air adharc an tairbh. Chuir sin stad air; ach leis an eagal thuit a’ chaileag bhochd, ’s chaidh i á alt a chruachainn; ’s ma thug thusa ’n-[?]e Dhòmhuill, bha seòrsa do cheum gu leth na coiseachd air tàilleabh an tairbh bhuidhe—mac-an-fhir-ad!—Ach ciamar a tharruing a leithid de bhoirionnach eireachdail, stuama, suas ri Eoghan a Ghlinne, cha d’ fhuair mi riamh a mach. Tha fhios agad a Dhomhuill, ’s e duine aotrom, fiadhaich a bh’ ann an Eoghan, ’s e sin a ghiorraich a bheatha fein mu dheireadh e shuidhe air an each chuthaich sin air nach do shuidh duine riamh roimhe, ’s e ’thàradh as leis, mar eun air ite, trasd na sgire, gus an d’ rainig e binnein mullaich Creig-nam-meann, creag, mar a tha fhios agads’ a tha dlùth air ceithir cheud troidh air àirde, ach cha bhacadh sin do’n chreutair choirbte, duibh leum a thoirt bhàrr mullach na creige sin, le Eoghan air a dhruim. Fhuaradh iad le chéile, ann an glomhas aig bonn na creige, ’s iad air am spuacadh ’na cheile nan aona mheall air chor ’s nach robh fhios co e Eoghan no co e’n t-each. Cha robh ac’ ach tuairmeas a dheanamh orra, agus tomad mu mheud Eoghain a thoirt leotha as an tòrr ’s a chur do’n Chil; ach ’s math a tha fhios agamsa ’Dhòmhuill gur iomadh latha na dhéigh sin a bha e na shac gle throm air a bhainntrich, nach robh i cinnteach gu de na bh’ aice de dh’ Eoghan ’s a’ Chill. B’e duine glé dheas air a chasan a bha’n Eoghan, ’s nan d’fhan e air a chasan fein, dh’fhaodadh e bhi beò gus an latha-diugh; agus, neò ’r thaing, mar an robh e cho deas leis na duirn. Nach do ghabh e air Ailein an Torr-mhoir, latha faidhir na Lùnasda, gus an d’fhàg e ceann an duine cho mor ri’ buideal is aisnean air an cur troimhe cheil’ air chor ’s gu’n d’thug e a leòir r’a dheanamh do’n dochtair MacCalman an cur air an ais ’san òrdugh anns an d’fhag am freasdal iad, agus bu duine gle sgileil a bh’ anns an doctair; gu dearbh, nan creideamaid na chluinneamaid, bha cuid de sgil an dochtair nach robh thaobh an t-saoghail so. Nach do chuir e uair, ubagan na rudeigin, ann poit thearra ’bha Torcaill Mac Ruaraidh a bruich air son a cur ris a bhàta, ’s nach do leum peileir de’n teàrr ghoilicheas a phoit ’s nach do ruaig am peileir tearra sin an duine bochd ceithir thimchioll na leana air an robh iad, gus an do theab e’n deò ’chall leis an eagal. Thug Torcaill, mu dheireadh, ionnsaidh air lamh throm a thoirt air an dochtair; ach fhir mo chridhe! Cha robh sealladh de’n dochtair aige r’a fhaicinn, ged nach robh uidhir an tomain dhris anns am b’ urrainn dha e fein fhalach taobh a stigh de mhile dh’astar. Ach gu dé a bha sin a Dhomhuill ach an sgoil-dhubh! ObairShàtain! Thuirt Torcaill rium, ’s tha mi g’a làn-chreidsinn, oir bu duine foghainteach a bh’an ann Torcaill; bha e se traidhean air àirde, ’s cho leathann ’san druiun ri dorus na h-eaglais”—“An gabh thu mo leisgeul, Iain” arsa mise, “tha coineamh agam r’a ghleidheadh, agus ’s eigin domh ’bhi falbh; ach chi mi thu rithist ma bhios an t-slàint’ agam. Slàn leat.” Chunnaic mi gu soilleir nach robh ceann no crioch, no bun no barr, áig sgeul Iain, ’s gu’n robh mi cheart cho fhad o fhios fhaotainn air aobhar na trioblaid a thainig air a mhàthair-cheile, ’s a’ bha mi mu’n d’fhosgail e ’bheul. Ach ciod a nis is còir dhomh dheanamh? Tha mi lan-chinnteach, leis an spliugail a bh’air Iain, gu bheil am boirionnach sinnt’ air an eislinn; ach ma theid mise thun an tighe anns e bheachd so, agus gu’n tuit e mach gu’n tigeadh i-fein thun an doruis leis a cheum gu leth sin air an d’thainig Iain thairis, leumaidh mo chridhe-sa as a chochull leis an eagal. Ciod am buaireas, an t-seamsanachd a bh’ air aire a bhlao mastair uilc, nach d’ innis, a muigh ’s am mach, co dhiu a tha ’m boirionnach beò no marbh, no ciod an truaighe a thachair? An e’n sac a dh’fhàg bàs Eoghain oirre—co dhiu ’chaidh roinn chothromach a dheanamh eadar e fein ’s an t-each—a bha ’fàs do-ghiùlan? No an e’n cruachan a chuir i as an alt a teicheadh roimh ’n tarbh bhuidhe, a bha air bristeadh a mach ann an àit eile? No ciod idir an seadh a ghabhas foirt as an dreamsgal sgeòil a fhuar mi o ’n chreutair spadchasach? Ciod is fheairde mise fios fhaotainn air mar a ghiorraich Eòghan a bheatha le suidhe air an each sin, no c’arson a shuidh e air? Mur ann a’ dol g’a mharcachd a bha e, nach robh cho math dha suidhe air sorchan iomchuidh eile. No ciod idir mo ghnothach-sa ri aisnean fhir an Torr-mhoir; biodh e ’gan reiteach mar is fearr a dh’ fhaodas e; ’s nach b’fhearr do’n dochtair a sgil a chur gu buil a b’ fhiachaile, na bhi ruagadh le peilearean tearra, duine cho ionraic, onarach, ri Torcaill Mac Ruaraidh? Tha mi ’g ràdh ribh nach d’ eisd m r’a leithid de ruais bho ’n is cuimhne leam; ’s cha d’ theid mo chas thun an tighe aca gus an cuir iad fios g’am ionnsaidh, le urra phoncail, co dhiu a tha iad beò no marbh. DOMHNULL MACEACHARN. Dunéideann. [TD 340] [Vol. 8. No. 43. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IUN 1, 1900. Litir a Africa Deas. BLOEMFONTEIN, April 17, 1900. A DHEAGH CHARAID:—’S fhada ’n ùine o’n a sgriobh mi ugad roimhe, agus is iomadh rud neònach a thachair o’n uair sin. Cha do thachair moran sam bith fhad ’sa bha sinn am Belmont. Dh’ fhalbh sin as a’ bhaile sin air Februaidh 11, gus bristeadh a stigh air an Orange Free State. Ghabh sinn an rathar-iaruinn gu Graspan; as a sin chaidh sinn gu Ramsdaw, agus á sin gu Amhuinn Klip far an d’ fhuair sinn na seòid a bha dhith oirnn. Cha do sheas iad ruinn gle fhada an sin, agus cha robh againn ri moran bhlàr a chur riutha gus ’n do chrò sinn seann Chronje a stigh aig Pardesburg. Dh’ fholuich iad iad-fhein an tuill ’s an claisean am bruaich na h-aimhne an sin, agus sheas iad ruinn treis mhath. Theid aca air blàr diorrasach a chur, agus rinn iad sin air an turus ud; ach mu dheireadh b’ fheudar dhaibh toirt suas. Dh’ fhuiling a bhuidheann againne barrachd ’sa dh’ fhuiling buidheann sam bith eile de shaighdearan Chanada, agus b’e an Caiptean againn an aon oifigeach a chaidh a mharbhadh. Bha e ’na shuidhe air cnoc-sheangan ag amharc troimh ghloine, ’nuair a chuireadh peilear troimh cheann ’s troimh ghàirdean, agus chaochail e an ath latha. Chaidh dithis dhaoine ’ga ghiùlan air falbh, agus bha iadsan le chéile air an leònadh ’nuair a bha iad a’ falbh leis. Bha fear eile air an leònadh aig a cheart chnoc. Bha na craobhan taobh na h-aimhne làn de dhaoine, agus ’se fear dhiubh sin a bha losgadh air an àit ud. Bha blàr eile againn mu ’n d’ rainig sinn Bloemfontein, far ’n do ghlac sinn gunna mor orra; bha sinn da thurus air an tòir an deigh sin, ach bha iad a cumail as an t-sealladh, agus rinn sinn sia mile fichead a dh’ astar mu’n d’ rug sinn orra. Mu’n d’ fhuair sinn ’g an ionnsuidh, shéid iad suas na h-innealan-taomaidh, chuir iad as d’ an obair-uisge, agus theich iad. Bha timeannan gle chruaidh againn o chionn tri miosan le teas ’san latha, fuachd ’san oidhche, agus uisge trom a sileadh a chuid bu mho dhe’n uine, ’s gun uiread us tent againn a chumadh fo dhion sinn. Tha na tents againn a nise agus tha sinn gle comhfhurtail, ged a tha ’n t-uisge ann cha mhor a h-uile latha, a fàgail gach ni gle shliubach. Tha am fiabhrus na’s miosa ’n dràsda na bha e fhathast. Chaochail ceathrar dhe ar daoine air a bho’n dé, dithis eile ’n dé, agus chaochail dithis no triùir an diugh fhéin. Aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, chaochail ceithir fichead ’sa tri anns an ospadal le fiabhrus ’s le gearraich. Tha mi ’n dochas nach fhada gus an ruig sìnn Pretoria, neo gu’n toir seann Chruger suas. Tha sinn a’ faotainn stocainnean, leintean, tombaca, agus moran nithean eile o na càirdean ann an Canada, agus tha sin feumail dhuinn, chionn feumaidh sinn ar tuarasdal a chosg air nithean eile nach urrainn sinn deanamh as an aonais. Tha mi ’faicinn am paipearan Chanada gu bheil sin a’ dol a dh’ fhaighinn tuarasdail o Chanada cuideachd. Tha mi ’n dòchas gu bheil sin fior; cuidichidh e leinn gu math ’nuair a gheibh sinn dhachaidh. Slan leat an dràsda. Cha’n eil fhios ’am nach cluinn sibh an ùine ghoirid gu’m bi sinn air an turus dhachaidh. Faodaidh an cead tighinn latha sam bith. AONGHUS CAIMBEUL. 7062 Pte., A Co., 1st Canadians, South Africa, Field Force. Na Rionnagan. Tha astar nan rionnagan suidhichte on talamh, agus o aon a cheile, ceart cho iongantach ris an aireamh aca. Tha’n teallsanach, Bessel a’ deanamh dheth gu’m bheil na rionnagan suidhichte a’s faigse do’n talamh tri fichead muillean mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan a’s faigse co uamhasach fad’ air falbh, ciod a theirear mu’n timchioll-san a tha co fad as is gur gann a chi thear idir iad? Tha’n solus a’ gabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar a’ ghrian agus an talamh, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagaibh sin agus an talamh! Cha’ n urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peilear gunna-moir, dh’ aindeoin a luathais, teann air ceithir muillean bliadhna gu tighinn o’n rionnag ris an abrar Draconis a dh’ ionnsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chum a dheanamh soilleir nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns a’ bharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh ’s nach d’ rainig an solus aca fathast an talamh so, o àm a chruthachaidh gu ruig an la an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air a chumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na soluis mhaiseach so, agus a tha ’g an stiuireadh ’n an cuairtibh ann am farsuingeachd nèimhe! Cha ’n eil neach air bith nach tug fa near an crios soilleir sin a chithear air oidhche reota, ann an airde nan speur, do’n ainm “An t-slighe bhainneach.” Cha’n eil anns a chrios so, ach miltean agus muilleanan do ghrianaibh a tha air an suidheachadh co teann air a’ cheile ’s gu’m faicear tri mile agus corr diubh ann an leud na gealaich dhe’n t-slighe dhealraich so. Mar so, chithear na rionnagan sin le gloineachaibh, dluth do aon a’ cheile ach an deigh sin uile tha e air a dhearbhadh gu’m bheil muilleanan de mhuilleanaibh mhiltean eatorra! Ghabh na reultairean beachd air buaidh iongantach eile a bhuineas do cuid de na rionnagaibh suidhichte, agus ’s e sin gu’m bheil iad caochlaideach ’n an soileireachd. Chithear iad aig aon am anabarrach dealrach, agus aig am eile, ’s ann air eigin a chithear idir iad. Tha cuid eile dhiubh a chithear gu soilleir re uine shonraichte, agus an deigh sin a theid as an t-sealladh; agus cuid eile a tha ’g an nochdach fein do’n t-sealladh, nach fhacas riamh roimhe. Sea fichead agus cuig bliadhna mu’n d’ rugadh ar slan uighear beannuichte, nochd rionnag shoillseach de’n ghne so i fein nach fhacas riamh roimhe; agus chunncas rionnag eile tri cheud, ceithir fichead agus naoi bliadhna an deigh breith Chriosd, a bha co dealrach ri Bhenus, ach ann an tri seachdainibh chaidh i gu h-iomlan as an t-sealladh! Mar so, tha caochlaidhean ri ’m faicinn ann am feachd nèimh ceart cosmhuil ris gach caochladh a chithear air an talamh. Cha ’n eil ni air bith seasmhach no bunaiteach fo righ-chaithir an De shiorruidh agus neo-chaochlaidich, a tha ’riaghladh os ceann nan uile. Air an talamh tha sinn ’faicinn gu ’m bheil samhradh agus geamhradh a’ tighinn agus a’ falbh—gu ’m bheil luibhean a’ teachd fo blath agus a’ crionadh—gu’m bheil linn a’ greasad linne do’n uaigh, mar a ghreasar tonn le tonn gu traigh, agus mar so, gu ’m bheil “aon ghinealach a’ siubhal agus ginealach eile a’ teachd,” mar dhearbhadh gu’n “teid sgiamh an t-saoghail so seachad.” Gheibhear ainmean “Iadsan a Phaigh” air taobh eile. Bidh tuilleadh dhiubh anns an ath àireamh. Tha Union Blend Tea a’ toirt bàrr ann an neart ’s am blas. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. [TD 341] [Vol. 8. No. 43. p. 5] NAIGHEACHDAN. Thainig fios ’sa mhaduinn an dé (Dior-daoin) gu robh Pretoria, ceanna-bhaile an Transvaal, air a ghlacadh. Ma tha sin fior, tha da bhaile-mor na dùthcha air an glacadh, agus faodar a radh gu bheil an cogadh seachad. Cha’n eil aon de roinnean Chanada aig nach eil lagh air choireiginn air son riaghailt a chumail air reic stuth làidir. Ach tha iomadh baile agus siorrachd anns na roinnean, anns nach eilear a’ cur nan laghannan a th’ aca air obair, agus am measg nam bailtean sin tha àite gle urramach aig Sidni. Tha Ruisia an deigh port-guail a ghabhail ann an Corea. Bha sùil aice air an duthaich bhig sin o chionn iomadh bliadhna, agus tha gu leòr dhe’n bharail nach eìl an so ach a’ cheud ghreim a tha i deanamh air an dùthaich, agus gu lean i roimpe gus am bi i fo a riaghladh gu h-iomlan. Tha sgeul a’ tighinn as an Transvaal gu’n deachaidh fiach seachd ceud gu leth mile dolair ($750,000) de dh’ òr a chur air falbh le riaghladh na dùthcha sin o chionn ghoirid do’n Roinn-Eorpa. Thatar a’ deanamh am mach gu’m b’e Cruger a chuir air falbh e air choinneamh an latha fhliuch a tha e faicinn a tha dh’ fheitheamh air fhéin. Fhuaireadh àireamh de bhuinn òir air a’ chladach ann an St. Peter’s, o chionn ghoirid, far an robh iad air an tilgeadh le neart nan tonn. Is buinn Fhrangach ris an canar Louis d’Or a th’ annta, agus bha iad air an cùinneadh ’sa bhliadhna l729. Thatar a deanamh a mach nach robh iad air an cur gu feum riamh, ach gu robh an soitheach air an robhas ’gan cur a nall dh’ an dùthaich so air a long-bhristeadh faisg air a chladach. Tha ’n t-arm Breatunnach a nise air bristeadh a stigh air criochan an Transvaal, agus a dlùthachadh air baile mor Johannesburg. Roimhe so bha an cogadh a’ dol air adhart air fearann Bhreatuinn agus anns an Orange Free State; cha’n eil ach beagan us seachdain o’n chaidh a cheud bhuidheann de na saighdearan dearga thairis air an amhuinn Vaal, crioch deas na dùthcha aig Cruger. Cha ’n urrainn ùine ro mhor a dhol seachad gus an cuirear am blàr a ni a chùis a chur an darna taobh. A reir gach sgeòil tha na Boers fhéin dhe’n bharail sin, oir tha iad a call am misnich gu mor, ’s cha’n eil iad a’ toirt oidhearp sam bith air cur an aghaidh arm Roberts. Bha Di-luain sa chaidh ’na latha briagha, soilleir, agus fhuair daoine deagh chothrom air dubhradh na gréine fhaicinn. Thòisich e beagan an deigh naodh uairean ’sa mhaduinn, agus bha e thairis mu aon uair deug. Bha an saoghal gu math dorcha fhad ’sa mhair e. Rinn na speuradairean ullachadh mor fa chomhair an latha so. Bha buidhnean dhiubh a’ gabhail seallaidh air a ghrein ann an caochladh chearnan dhe ’n t-saoghal. Ma bha an t-side cho fàbharrach anns gach àite ’sam robh iad ’sa bha i an so, cha ’n eil teagamh againn nach eil iad làn riaraichte leis na chunnaic iad. Dh’ fheuch càraid ann am Boston ri pòsadh an la roimhe, ach ’nuair a chaidh iad dh’ ionnsuidh an fhir o’n robh an cead, no an license ri cheannach, cha toireadh e dhaibh i. Bha ise gle shean agus gle bheairteach, ’s esan òg ’s cho gann de chuid an t-saoghail so ’sa b’ urrainn dha a bhith. Tha cuideachd a ghuail an deigh an laimhrig a th’ aca ann an Louisburg uidheamachadh le innealan ùra leis an gabh da mhile dheug tunna guail cur air bòrd shoithichean ann an deich uairean obrach. Roimhe so ’se ceithir mile tunna an tomhas bu mhotha ghabhadh lòdadh ’sam uine sin. Tha Morair Roberts le ’armailt air baile Johannesburg a ruigheachd; am fios mu dheireadh a fhaireadh roimh sgriobhadh, cha robh an t-arm air a dhol a steach dh’ an bhaile, ach tha iad gun teagamh ann roimhe so. Cha do chuir na Boerich dragh mor sam bith air an arm air an t-slighe. Tha e coltach gu bheil iad air am misneach a chall, agus gu bheil iad an impis striochdadh gu buileach. Tha mu cheithir ceud deug tigh fàs ann am baile Halifacs. Tha moran dhiubh mar sin a chionn gu bheil iad seann-fhasanta, agus moran eile chionn gu bheilear ’gan cumail air son màl ard. Na ’n gabhadh na taighean sin toirt do Shidni, cha bu chrùam nach faighte màl sam bith a dh’ iarrte orra, co-dhiu bhiodh iad seann-fhasanta no nach bitheadh. Chaidh an t-arm Breatunnach thairis air an amhuinn Vaal air latha beth na Ban-righ’nn. Cha do chuir na Boerich ’nan aghaidh idir. Tha iad a’ teicheadh roimh armailt Robert air a h-uile ceum. Tha iad a teicheadh cho a chluinneamaid gu bheil iad ’ga dheanamh dh’ aon ghnothuch air son na Breatunnaich a ghlacadh ann an ribe mar a rinn iad uair us uair roimhe. Ach teagamh gu bheil “Bobs” a mise air fàs cho seòlta ’s cho carach ri ceannardan nam Boereach fhéin. Bidh cuimhne aig moran de ’r leughadairean rir a mhort ainmeil a rinneadh ann a “Phoenix Park,” an Eirinn ’sa bhliadhna 1882. Bha ceathrar air fhichead air an glacadh an deigh a mhort, agus bha coignear dhiubh air an crochadh, ’s moran de chàch air an cur dh’ an tigh-obrach. Bha dithis dhiubh sin, Tomas Fitzharris, ris an cante “Skin the Goat” mar fhar-ainm, agus Eosaiph Mullett, air an leigeil m’a sgaoil o chionn ghoirid, an deigh dhaibh a bhi ’nam priosanaich fad sheachd bliadh’n deug. Air an t-serchdain s’a chaidh thainig iad a nall gu New York, ach air dhaibh port a ruigheachd, fhuair iad a mach nach ceadaicheach lagh nan Stàidean dh’ an seòrsa dhol air tir idir, ’s gu feumadh iad a dhol air ais do ’n dùthaich as an d’ thainig iad. ALBERT HARTY, Grensaiche, Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail. Ri taobh stor D. L. MacFhionghain, SIDNI, - - C. B. SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. SYDNEY CASH STORE. Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig, J. C. MILLS, - - - Sidni. STOR ADAN. Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh. H. H. MAGEE. Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY. May 3, ’00—1yr. Tha an drochaid a thatar a togail thairis air an amhuinn St. Lawrence a’ dol a chosg ceithir gu leth muillein dolair. Tha i gu bhi cho àrd os cionn an uisge ’s nach cuir i dragh sam bith air soithchean a bhios a’ gabhail na h-aimhne. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. [TD 342] [Vol. 8. No. 43. p. 6] Nach d’ Thuirt Mi Riut? LE DONULL MAC CALAM. Air a’ chuideachd a bha cruinn ’an tigh Chaluim Bhàin air a cheud là de ’n bhliadhn’ ùr cha robh mòran coslais Nolaig. ’An ait a’ chiùil, ’s an aighear a bhuineadh do ’n là, ’siad gul ’us gruaim ’us tùrsadh a bh’ aca. Bha duil ri trùir ghillean òga a mhuinntir a’ bhaile—Baranribidh—a bha ’g ionnsuchadh na saorsnachd ’an Glasachu, gu bhi leo fad seachdain. An àite sin ’s ann a chuir iad litir uapa ag innseadh gu ’n do ghabh iad anns an arm, agus nach robh iad a tighinn dhachaidh idir. Cha ’n e sin a bu mhiosa ’s a chùis ach anns an litir gu ’n robh na facail so—“We are all very sorry now. It was while we were in the horrors after a spree we took the Queen’s money; and when we came to our senses it was too late to take it back.” “Tha coltach,” thuirt Iain Beag, “gur h-e brath a ghabh iad air na ballaich bhochda. Nach ann is còir dhuinn fios chuir air a mhinisteir, agus iarraidh air sgrìobhadh a mach a dh’ fheuchainn am faigh e saor iad? Air do na daoine co-labhairt a bhi aca mu ’n chùis dh’ aontaich iad uile le Iain Beag, agus chuir iad teachdaire air son a mhinisteir—Mr Iain. Thainig Mr Iain agus ’n uair a leugh e an litir agus a chuir iad f’a chomhair tagradh a dheanadh air son nan gillean ris na cumhachdaich, so mar labhair e riu—“My dear friends, my heart bleeds for you; but at the same time I am bound to say that you are now reaping the reward of your negligence in the up-bringing of these young men. You have neither obeyed my precepts nor followed my example. If I had not forbidden my sons, Archibald and Hector, the companionship of your boys, would they be the ornaments to society they are now? You will be glad to hear that they are coming to-morrow to spend their College vacation with us. Let us all rejoice in them. There is a promise to those who bring np their children in the way they should go. My interference in the matter would only be encouraging evildoing.” ’Nuair a chaidh Mr Iain dhachaidh dh’ innis e d’a mhnaoi mu ’n chuis agus an fhreagairt a thug e do na daoine. ’Se so a thuirt a bhean ris—“My dear John, I cannot tell you how sorry I am you were so foolish as to say all that. You should have written in the interest of the poor boys.” “I knew,” deir Mr Iain, “that is what you would say, dear Maggie. But if I had taken yonr advice and allowed our own boys to associate with those of the township would they not now in all human probability be as bad as themselves—a disgrace to the parish. I hope you have their bedrooms aired and everything ready against their coming to-morrow.” Bha e air a fhreagairt le gal ’s le eibheach chruaidh. “My dear Maggie”, ars’ esan, “what is the matter with you?” Cha b’ urrainn i a fhreagairt, ach chuir i a làmh na pòcaid agus thug i dha an litir so:— “Glasgow, “Friday. “My dear Mater,—Hector and I got tired of learning to be joiners, and as we knew you could not send us any more money, we have joined the regular army. Don’t tell the governor till we sail. Our regiment is ordered to India. We will write you again when we will be off. Don’t break your heart, dear ‘mater’. We may get on in the army all right.—Your affectionate son, “Archibald.” Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI. Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dce. 8,’99.—1yr. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies, L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. J. D. W. CAIMBEUL. FEAR DEILBH THAIGHEAN. OIFIS:—ROSS BLOCK, P. O. BOX 41. SIDNI, - - - - C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 343] [Vol. 8. No. 43. p. 7] NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville, Ont. Eoghan Mac Eoghan, Maxville, Ont. Mairi Stevenson, Shipka, Ont. An t-Urr. G. Mac Mhuirich, Sonya, Ont. Iain A. Domhnullach, Bridge End, Ont. Alastair Mann, Acton, Ont. Iain Mac-an-t-Saoir, Strathroy, Ont. Iain Mathanach, Armon, Ont. Iain Mac Artair, Beaverton, Ont. An Sar-Urramach Alasdair Domhnullach, Easbuig Alexandria, Ont. Aonghas MacFhearghais, Pt. Hamond, B. C. Domhull Mac Ille-mhaoil, Fernie, B. C. Domhull mac Neacail, Wellington, B. C. R. A. Domhnullach, Harbor-au-Bouche, N. S. Aonghas Sutharlan, Elmfield, N. S. An t-Urr Iain I. Siosal, Pictou, N. S. Aonghas Caimbeul, Allt an Dotair, N. S. Iain M. Domhnullach, Stellarton, N. S. A. A. Mac Gille-bhrnth, Dunmaglas, N. S. Iain Moraidh, Pleasant Valley, N. S. C. H. MacGille-mhaoil Eilean Coille, E. P. I. Mor Nic-a-Mhunna, Eilean Coille, E. P. I. Antoni Buchanan, Eilean Coille, E. P. I. Alasdair Mac Mhuirich, Red Jacket, Assa. Fionnlahd Mac-an-Toisich, Red Jacket, Assa. Aonghas E. Moireastan, Marrisboro, Assa. Padruig Mac-an-t-Saoir, St. Andrew, Assa. Gilleasbuig Mac Fhionghain, Uidhist, Alba. Iain Domhnullach, Uidhist, Alba. Raibeart Turnbull, Bourke, N. S. Wales. Mairi A. Mhoireastan, Boston, Mass. A. Domhnullach, Newton Center, Mass. An t-Urr. U. Moireastan, Graniteville, Vt. Niall D. Mac Iomhair, Graniteville, Vt. R. A. Robertson, Detroit, Mich. Aonghas Mac Leoid, New York. J. L. Lister, Tacoma, Wash. Martuinn Mac-a-Phearsain, Cleone, Cala. I. S. Ros, Casper, Cala. Iain D. Domhnullach, Salamanca, N. Y. Padruig MacGilleain, Cul Eilean Xmas, C. B. An t-Urr I. I. Mac Neill, Iona, A. R. MacNeacail, Barrachois Harbor. Alasdair Mac Amhlaidh, Milton. Iain A. Mac Isaic, Sydney Mines. Tormod Gillios, Beinn Bhreagh. R. N. MacGilleain, Cul na h-aimhne Duibhe. P. A. Domhnullach, Sidni. M. I. Mac Neill, Sidni. D. A. Mac Leoid, Sidni. Iain Gillios, Sidni. D. M. Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie. Aonghas MacGilleain, Augerville. D. Domhnullach, Beann nan Sgitheanach. Iain A. Domhnullach, Gleann-garaidh. Iain S. Mac Neill, Xmas Islakd. M. R. Johnstone, an Pon Mor. Iain A. Mac Ille-mhaoil, Grand Mira. Mairi B. Nic a Bhiocair, Enon. Cha ’n eil àit’ anns am bheil daoine coinneachadh ’s na làithean so nach eil an còmhradh air an aon nì—An Cogadh—agus cha tig e dhuinne gun ghuth a thoirt do ar fairichduin d’ a thaobh. Tha sinn a deanadh caoidh air son nan gillean caomh, a dh’ fhalbh uainn an treun an neart, ’s tha ’n duigh air am fàgail air raointean agus monadhan Africa nan cobhartach do eunlach na speur agus fiadh bheathaichean na talmhain. “Ciamar a thuit na cumhachdaidh agus a tha na h-ionalan cogaidh air am briseadh air na h-ionadan àrda.” Tha sinn a deanadh gàirdeachas ann an treunachd ar bràithrean, a tha air an gairm gu seasadh n’ ar ’n àite, ’s a tha dìleas gu bàs. Tha sinn a guidhe gu ’n greas Dia an là anns an cuir e a rìs Aingeal o Néamh gu bhi g radh—“Sith air thlamh agus deadh-ghean do dhaoine.” ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Men often dress in bad taste without knowing it. If you wear Shorey’s Clothing you cannot be otherwise than correctly dressed. Shorey’s 4 Button Sack Kilmarnoc Tweed Suits, Retail at $12.00. They are as good as any one wants for a business suit and better than you can get to order for $20.00. Sold only by the best dealers, and guaranteed in every particular. Not made to order, but made to fit. [TD 344] [Vol. 8. No. 43. p. 8] An Te a Chaill a Ghaidhlig. Bha duin’ og a mhuinntir a Chladaich-a-Tuath air an rathad a tighinn dachaidh as na Staidean an Iar bho chiunn beagan bhliadbnaichean, agus air a thuras thachair air ann am Boston bana-choimhearsnach dha air an robh e eolach man dh’fhalbh e, agus air dha Gaidhlig a bhruidhinn rithe ’sann a fhreagair i ’s a Bheurl ’e. Nuair a thainig e dhachaidh rinn e ’n t-oran so:— Bha mi lath’ air mo leabaidh— Chan ann am chadal a bha mi; ’Siomadh rud a bh’ air m’aire Ged nach aithris mi ’n drasd iad, Gus an cuala mi’n comhradh An cul na comala ’sa Ghaidhlig, ’S ann a mionaid na h-uarach Bha mo chluas ris a sgaineadh ’S mi aig an sgar. Bha mi ’sin ann am aonar ’S mi gu bronach air m’aineoil, Gun do smaointich mi sraid A ghabhail sios feagh a bhaile; Mi ri smaointinnean bronach An iomadh doigh nach gabh aithris ’S mi ri cumha na h-iugh’naig Te na miog-shuilean meallach A rinn mo bhrath. Sin ’nuair chunna’ mi Ruarai ’S e bhuam fad mo sheallaidh, ’S e tighinn na m’ chomhail Le te cho boidheach ri aingeal; Cha robh faillinn na h-aogasg ’S bha ’cuid aodaich ’san fhasan Bha seudan gu boisgeant, Air a mhaighdinn a lasadh A chuile car. Gun do sheas mi le ioghnadh ’S mi ri smaointinnean tamuil C’ait ’an d’fhuair e riamh eolas Air te cho boidheach ’s cho beartach; Nuair a tharruinn mi dluth riuth; Mar d’rinn mo shuilean mo mhealladh, Se bh’ann te ’mhuinntir mo dhuthcha ’Chaidh ’thogail dluth air tigh m’athar Air thighinn a’ mach. Labhair mise gu cairdeil, “Ciamar ’tha thu shean leannain;” Gun do shin mi mo lamh dhi, ’S thuirt mi “’ghraidh dean a crathadh! A bheil thu gu math ann ad’ shlainte Na bheil thu tamh aig a bhaile?— Ciamar ’tha d’athair ’s do mhathair Na ’bheil mo chairdeansa fallainn ’S a chuile neach?” Fhreagair ise gu moiteil— “You’re a Scotchman I reckon!— I don’t know your Gallic— Praps you are from Cape Breton;— And I guess you’re a fa’mah— You’re too sassy for better!— So I will not shake hands, And I’d rather at present. Be going off.” Las mo ghruaidhean le tamailt ’S ghluais m’ardan le caise,— A thaobh cinneadh mo mhathar Cha robh arach air agam,— ’S bhon ’si fhein ’bha gun naire Thainig cail gu mo theanga, ’S thuirt mi rithe ’sa Ghaidhlig, Gun ghuth ard gun droch fhacal, Thuirt mi so: “An cuimhneach leatsa nuair bha sinn Na’r paisdean le cheile— Mise a’s briogais bheag chlo orm, ’S droch bhrogan ga reir sin, ’S tus’ le d’ chota beag drogaid Air a ghrobadh ri cheile?— Sin nuair ’bha thusa boidheach Man d’ mhill a phrois do dheagh bheusan Mo chailinn geal. “Bhidh’maid tric feadh na loinntean Cha robh bron air ar n-aire; ’Se bh’ann samhradh ar n-oige— ’S truagh, ochoin! nach do mhair e! Cha robh dhith ort dheth’n t-saoghal Ach mise daonnan bhi mar riut, ’S tu le d’ dhubhan beag prine ’Falbh gu stigeach ’san abhuinn A marbhadh bhreac! “Nuair a bha thu na d’ nigh’naig Bha thu finealta, barrail; Cha robh meang ort ri fhaotainn A thaobh aodaich no cais’eart; Gur a mor ’thug mi speis dhut, ’S cha robh mi fhein ga do mhealladh; ’S tric a bha mi ga d’ phogadh An cul a’ stobh an tigh d’athar ’S cha d’thuirt thu ‘stad.’ “Ach a nis dh’fhalbh an uair sin ’S dh’fhas thu suarach ma m’ dheidhinn, Bho na dh’fhas thu ad’ mhnaoi uasail ’S a thug thu duthaich dhut fhein ort; Ged ’bha mise ri stri riut Cha d’thug mi m’inntin gu leir dhut; ’Sann ’tha cruinneag mo ghraidhsa Ri taladh na feadal Am Breatuinn Bheag. “’S tigh Iainn-Ghrota gu siorruidh, ’S iomadh miothlachd as mollachd, Dhut fhein ’s dha do sheorsa Dh’fhas cho proiseil ’s cho spaideil! ’Nuair a thig sibh an tubhsa Bidh deis’ ur oirbh a’s bonaid, Theid a Ghaidhlig air chuil ’S theid ar cunntas na’r Geancaich— A chinn nan creach!” Fhuair mi ’chuid mhor dhe’n oran so bho Ghilleasbuig Caimbeal, mac Dhiarmaid, ann am Baddeck—fear aig a’ bheil moran do dh’orain mhatha,—agus thug mi-fhein leasachadh beag air—airneo mhill mi e, ’s b’olc an airidh sin. RIDIRE NAN SPLEAGH. Cul a Bhaile, Latha Bealltainn, 1900. Mo Run geal dileas. Is truagh nach robh mi an riochd an faoilinn A shnamhadh aotram air bharr nan tonn; Is bheirinn sgriobag do’n eilean Ileach, Far bheil an ribhinn dh’fhag m’inntinn trom. LUINNEAG: Mo run geal dileas, dileas, dileas, Mo run geal dileas nach till thu nall? Cha till mi fein leat, a ghaoil, cha’n fhaod mi, ’S ann tha mo ghaol sa ’na laidhe tinn. Is truagh nach robh mi ’s mo rogha ceile Air mullach shleibhte nam beanntan mor, ’S gun bhi ’gar n-eisdeachd ach eoin an t-sleibhe, ’S gu’n tugainn fhein di na ceudan pog, Thug mi corr agus naoi miosan Anns na h-Innsean a b’fhaide thall, ’S bean boichead t’aodainn cha robh ri fhaotainn; ’S ged gheibhinn saoghal cha’n fhanainn ann. Thug mi mios ann am fiabhrus claoidhte Gun duil rium oidhche gu’m bithinn beo; B’e fath mo smaointean a la ’s a dh’oidhche, Gu’m faighinn faochadh ’us tu bhi ’m choir. Cha bhi mi strith ris a’ chraoibh nach lub leam Ged chinneadh ubhlan air bharr gach geig. Mo shoraidh slan leat ma rinn thu m’ fhagail, Cha d’thainig traidh gun mhuir lan ’na deigh. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TALLA. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. MA THA THU AIR SON CARBAD FASANTA bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON:—Buggies, Phætons, Expresses, agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. $10,000.00. Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le Matheson, Townsend & Co., Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa. Anabarrach Saor! D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. ’GAN CREIC SAOR. [TD 345] [Vol. 8. No. 44. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 8, 1900. No. 44. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XIX. An uair a dh’ éirich iad ’s a’ mhadainn, agus a thug iad tàing do Dhia air son fois is tàmh na h-oidhche, agus a ghuidh iad gu dùrachdach gu ’n gleidheadh e iad o gach cunnart, chaidh iad air feadh na coilte a chruinneachadh mheasan. An ceann beagan ùine chaidh iad cuairt timchioll a’ chladaich feuch ciod a chitheadh iad, agus a chur seachad na h-ùine; oir, o ’n a chuir iad rompa nach deanadh iad car sam bith saor o obair na h-éiginn, bha fhios aca gu ’m fairicheadh iad an latha glé fhada. Ged a bha iad cho taingeil ’s bu choltach dhaibh a bhith anns an t-suidheachadh ’s an robh iad, bha iad le chéile glé shàmhach. Bha iad ag imeachd air an aghart taobh ri taobh, agus cha robh ach gann facal comhraidh eatorra. Bha’n gunna aig Callum, oir bha iad a’ creidsinn nach robh e sàbhailte dhaibh ceum a dheanamh as aonais. Lean iad rompa ceum air cheum, agus ged a bha iad a’ gabhail beachd air iomadh ni a bha ’tachairt riutha, cha robh nì sam bith comasach air an aire ’thogail bhar an t-suidheachaidh anns an robh iad. B’ e so a’ cheud uair bha iad riamh ’nan aonar air latha ’n Tighearna, agus ni a bha nàdarra gu leor, bha ’n cianalas orra. Bha smaointeanan Dhomhuill gu tric air an àm a dh’ fhalbh. Bha ’n dòigh air am biodh ’athair agus a mhàthair a’ cur seachad latha ’n Tighearna a’ tighinn as ùr gu ’chuimhne, agus a’ dùsgadh smaointeanan muladach ’na chridhe ’s ’na inntinn. Anns na làithean a dh’ fhalbh, bha latha ’n Tighearna ’na latha cùingeil leis, oir cha ’n fhaodadh e a dhol a chluichd air na cnuic comhladh ri ’choimhaoisean mar bu mhiann leis. Ged a bha e umhail gu leòr dha phàrantan, cha robh mòran tlachd aige ann a bhith fo stamhnadh air latha ’n Tighearna. Ach ged a bha e ’g ionndrainn mòran nithean ris an robh e cleachdte ’na òige, cha robh ni ann a bha e ’g ionndrainn an lath’ ud anns an eilean fhàsail, uaigneach, cho mòr ri cothrom air a dhol do ’n taigh aoraidh mar bu ghnàth leis fhad ’s a bha e fo chùram ,athar ’s a mhàthar. Dh’ fhalbh na làithean ud, agus cha robh dùil ri iad a thilleadh gu bràth. Mar is trice, is ann an uair a chailleas daoine cothroman is tròcairean luachmhor a thig iad gu bhith ’faicinn cho amaideach ’s a bha iad an uair nach d’ rinn iad feum math dhiubh. Ged a bha Callum trom-inntinneach gu leòr, agus ag ionndrainn iomadh nì ris an robh e cleachdte ’s an àm a dh’ fhalbh, cha robh ionndrainn sam bhith aige an lath’ ud air cuideachd no air comunn dhaoine a bha ’g aideachadh na diadhachd. Is e comunn nan daoine air an robh e eòlach air bòrd ua luinge an nì bu mhò a bha e gionndrainn. O ’n a bha na smaointeanan so a’ greimeachadh cho làidir air na h-inntinnean aca le chéile, cha robh guth aca car ùine air biadh no air deoch, ged nach d’ith iad ach fìor bheagan dhe na measan a chruinnich iad. Bha Domhull ag iarraidh tilleadh air ais a dh’ ionnsuidh na bothaig, ach b’ fhearr le Callum iad a leantuinn rompa car ùine. Cha deachaidh iad fad’ air an aghart an uair a thug iad an aire do ’n t-seòl a bha sgaoilte thairis air na nithean a chuir sgiobair na luinge air tìr air an son. Cho luath ’s a thug iad an aire dha sheas iad far an robh iad; oir bha iad a’ smaointean gur e bùth a bh’ ann a rinn daoine a bha ’fuireach anns an eilean mar a bha iad fhein. Ach ghrad thuig iad gu ’m feumaidh gur e daoine nach buineadh do ’n eilean aig an robh seòl thairis orra, agus ghabh iad minseach gus a dhol air aghart far an robh an seòl. Cha deachaidh iad fad air aghart an uair a chunnaic iad gur e bh’ ann seòl a bha sgaoilte thairis air nì éiginn. Cha b’ urrainn daibh a smaointean ciod a bhiodh ann; oir cha do bhuail e riamh ’s a’ cheann aca gu ’n robh uiread de shùim ’s de chùram aig an sgiobair dhiubh ’s gu ’n cuireadh e ni sam bith gu tìr dhaibh mu ’n d’ fhalbh e. An uair a ràinig iad ’s a thog iad an seòl, bha ioghnadh is toileachadh orra nach gabh innseadh. Ann am beagan ùine bha fios aca air a h-uile ni bha fo ’n t-seòl, ach litir an sgiobair. “Nach dubhairt mi riut an dé,” arsa Domhull, “gu ’n robh cùram aig Dia dhinn? Cha robh thu ’g am chreidsinn, ach tha thu nis a’ faicinn gur e mise bha ceart.” “Bha cùram aig an sgiobair chòir dhinn co dhiubh,” arsa Callum. “Nach coma dhuinne co aige bha cùram dhinne o ’n a chuir am fortan so ’nar rathad. Cha robh mi mionaid riamh dhe mo bheatha cho toilichte ’s a tha mi ’n dràsta.” “A nis, a Challum, éisd thusa riumsa tiotan beag. Nach ’eil fhios agad gur e Dia a chuir ann an cridhe an sgiobair na nithean so a chur gu tir dhuinn? Is e Dia a tha ’cur a h-uile smaointean mhath ann an cridheachan dhaone. Tha daoine ann, gun teagamh sam bith, a tha glé chaoimhneil gu nadarra, ged a dh’ fhaodas iad a bhith glé aineolach air Dia. Agus, a Challum, is tu fhein fear dhìubh. Gus an dé, an uair a dh’ innis thu fhein dhomh e, cha robh fhios agam gu ’n robh thu cho fìor aineolach air Dia ’s air fhacal ’s a tha thu. Ach air a shon sin bha thu glé chaoimhneil riumsa o ’n a’ cheud latha ’thachair sinn ri ’chéile. Agus cuimhnich gur e Dia a chruthaich thu, agus gur e a chuir an caoimhneas ’na do chridhe mar a chuir e eanachainn ’na d’ cheann, agus smear ’na d’ chnàmhan.” “Is math a ni thu searmon, a Dhonhuill. Is mòr am beud nach d’ rinneadh ministear dhiot; ach tha thu òg gu leòr fhathast. Agus ma leanas tu romhad mar a tha thu, tha e neònach leamsa mur bi thu ’na do mhinistear mu ’m faigh thu bàs.” “B’ fhearr gu ’m b’ fhior d’ fhiosachd, a Challum; ach aig Dia tha fhios ciod a thachras dhomhsa ’s dhutsa mu ’m faigh sinn bàs. Ach so mar a bhitheas an dràsta co dhiubh. Tha ’m Biobull a thug an sgiobair dhomh anns a’ chiste, agus ged nach dean mise searmon feuchaidh mi ri aoradh a dheanamh cho math ’s is aithne dhomh. Bhòidich mi ’s a’ mhadainn an diugh gu ’n tugainn mi fhein suas do Dhia, agus tha mi suidhichte, le cuideachadh Dhe, gu ’n dean mi mar a bhòidich mi.” Am feadh ’s a bha ’n còmhradh so a’ dol air aghart eadar Domhull is Callum, bha iad gu trang a’ dol air feadh nan nithean a bha fo ’n t-seòl. Dh’ fhosgail Domhull a’ chiste, agus cha bu luaithe a fhuair e am Biobull na thuirt e ri Callum, “Mu ’n teid sinn na ’s fhaide air aghart, ni sinn aoradh do Dhia.” Cha dubhairt Callum am math no ’n t-olc; oir ged nach robh dad aige an aghaidh teannadh ri aoradh aig an àm, b’ fhearr leis gu mòr teannadh ri gabhail rud dhe ’n bhiadh mhath a fhuair iad fo ’n t-seòl. An uair a dh’ fhosgail Domhull am Biobull, cha robh fhios aige gu ro mhath cia mar a rachadh e ann an ceann an aoraidh. Cha d’ rinn e aoradh riamh roimhe, agus mur b’ e an suidheachadh anns an robh e aig an àm, cha smaoinicheadh e air gnothach a ghabhail ri aoradh. Ach o ’n latha ’dh’ fhàgadh air tìr ’san eilean e, cha robh na nithean a chunnaic ’s a chual’ e aig athair ach gann a’ dol bhar na h-inntinn aige. Agus dhrùigh na nithean so gu mòr air. Bha e ’tionndadh nan duilleagan ’s gun fhios aige cia mar a thoisicheadh e. Fhuair e oisinn duilleig lùbte aig a’ chòigeamh caibidil dhe ’n t-soisgeul a réir Mhata, agus an uair a sheall e aig toiseach na caibidil, chunnaic e na briathran so, “An searmon air a’ bheinn.” Ghrad bhuail e anns an intinn aige gu ’m bu chòir dha an searmon so a leughadh. Leugh e e gu socrach, pongail, agus an uair a chuir e crioch air an leughadh, thionndaidh e duilleag an deigh duilleig dhe na Sailm gus mu dheireadh an d’ rainig e na laoidhean. Bha comharradh air a chur le peann aig toiseach na dara laoidh, agus tharruinn so aire g’ a h-ionnsuidh, agus cha bu luaithe sheall e gu math oirre na chuimhnich e gu ’m bu tric le ’athair a bhith ’g a seinn. Sheinneadh e fhein glé mhath an uair a bha athair beo; ach o ’n latha ’laidh ’athair air leabaidh a bhais, cha do sheinn e, ach gann, aon salm. Bha ’n laoidh anabarrach freagarrach air an cor le cheile aig an àm. Ged nach robh ’ga seinn ach an aon ghuth, oir cha b’ aithne do Challum aon fhacal a sheinn—chluinnteadh air astar fada an guth sin fhein, gu h-àraidh o ’n a bha ’n latha ciùin, briagha, agus an t-àite fasail. Cha bhiodh e mi-iomchuidh a cur sìos an so, a chum gu ’m faic sinn cho fìor fhreagarrach ’s a bha i air an suidheachadh le cheil:— Dhe Bheteil! le d’ laimh thoirbheartaich, ’S tu bheathaich d’ Isra’l fein; ’S a threoraich feadh an turuis sgith, Ar sinnsearan gu leir. Ar boid ’s ar n-urnuigh nis a ta Aig lath ’r do chathair ghrais; Bi leinn, O Dhe ar n-athraichean, ’S na diobair sinn gu brath. Tre cheumaibh dorch’ ar beatha ’n so, O treoraich thusa sinn; O la gu la ar teachd-an-tir ’S ar n-eideadh cuirp thoir dhuinn. [TD 346] [Vol. 8. No. 44. p. 2] Fo sgail do sgeith, O dean ar dion Gu crich ar seachrain sgith, Is thoir do ’r n-anamaibh fois fadheoidh A’ d’ chomhnuidh shuas an sith. Na tiodhlacan so, Dhe nan gras, Thoir dhuinn o d’ laimh gu fial; ’S a nis, ’s o so am mach gu brath, Is tu a ghnath ar Dia. Ged nach robh Callum comasach air seinn a dheanamh, bha e comasach gu leòr air na deoir a shileadh gu frasach. An uair a bha ’n t-seinn seachad, lub iad le chéile an glùinean far an robh iad, agus ged nach cuala an dara fear ùrnuigh an fhir eile, chuala Dia iad. Is cinnteach nach robh briathran glé òrdail, ach bha na h-ùrnuighean gun teagamh sam bith dùrachdach gu leòr. Cha’n ann air fileantachd ’s air òrdugh na h-ùrnuigh a tha Dia ag amhare idir, ach air miann agus air durachd a’ chridhe. An uair a tha ’n cridhe làn, co dhiubh is ann le bròn no le aoibhneas, tha ’n t-iarrtus agus an taingealachd a tha ’n t-anam a’ faireachadh gu tric air an dòrtadh am mach an làthair Dhe ann an ùrnuigh dhiomhair, agus ann an osnaibh do-labhairt. (Ri leantuinn.) Seoras IV. Goirid an déigh do Sheoras IV. tighinn thun na caithreach fhuaradh a mach comhfheall eagalach a bha ga h-ullachadh le buidhinn de dhaoine dàn’ am baile Lunninn, aig an robh fear Thistlewood ’na cheann-iùil. ’S e bha iad a’ gealltuinn doibh fhein gu marbhadh iad uile mhinisteirean an righ an uair a bhiodh iad cruinn aig dìnneir ’an àit’ àraidh; gu’n cuireadh iad Lunninn ri thein’ ’an caochladh àitibh aig an aon àm, ’s gu’n gabhadh iad féin sealbh air an tighearnas. Ach bhrathadh iad le neach éigin, ’s chaidh an glacadh an dearbh oidhch’ a bha dùil ac’ an t-olc a dheanamh. Chrochadh cuigear dhiubh. Mu ’n cuairt do’n àm so dh’ éirich buidheann bheag eile, mu leth-cheud ’an àireamh, ’an ceannairc ann an Cill-Saoidh ’an taobh ’s iar Alba. Bha iad armaichte le spealaibh ’s le dagaichibh. Chaidh an sgapadh leis an arm dhearg, ’s naoi deug dhiubh a ghlacadh, dheth ’n robh dithis air an crochadh, ’s an còrr air an cur do dhùchaibh céin, mar chiomaich. An uair a chual’ a’ bhan-phrionnsa, Carolin, gu ’n tàinig a fear-pòsda thun na caithreach, thàinig i nall as an Eadailt, far an robh i air chuairt o cheann iomadh bliadhna, ’s thagair i bhi air a h-ardachadh gu inbhe ban-righ Bhreatuinn. Cha robh an righ no chuid mhinisteirean deònach sin a leigeadh air aghart. Thug iad oidhirp air Reachd a dhaingneachadh ’an Tigh na Morairean ’na h-aghaidh, a’ dearbhadh gu’n robh i neo-dhìleas d a’ fear-pòsda. Ach bha sluagh na rioghachd co mòr air an gluasad leis an fhòirneirt a rinneadh oirre ré ùine co fada, ’s gu’m b’ éigin a’ chùis-dhìtidh a leigeadh fa làr. ’Nuair a bha’n righ ga chrùnadh air an naoidheamh là deug de threas mios an t-samhraidh, 1821, dh’ iarr a bhan-righ cothrom a dhol a steach a dh’ fhaicinn a’ chrùnaidh. Ach cha d’ fhuair i eadhon an cothrom sin. Bhàsaich i tri seachduinean an déigh sin, mar tha cuid ag ràdh, leis a’ bhriseadh cridhe. Goirid an déigh a chrùnaidh, chaidh an righ cuairt do Eirinn, ’s an ath mhìos do Hanobhar, rioghachd a shìnnsir. Air a’ chuigeamh là deug de cheud mhìos an fhoghair, 1822, thàinig an righ do Alba, rioghachd air nach do chuireadh an t-urram sin o àm na Righchuairt. Dh’ fhan e’n Alba gus an t-seachdamh là fichead dhe’n mhios. Bha e ’caitheamh na h-ùine sin am fleadhachas còmhladh ri àrd-mhaithibh na tìre. Bha’n dà bhliadhn’ ’an déigh so, neo-àbhaisteach soirbheachail a thaobh malairt air feadh Bhreatuinn uile. Bha ’n t-airgiod anabarrach pailt. Thòisich daoin’ a’ toirt ’an iasachd do gach Stàite ’s an Roinn-Eorpa ’s an America. Thòisich cuideachda, no Luchd-pàirt, ag éiridh anns gach ceàrna. Ach bha mòran a’ mealladh ’s a’ caradh a’ chéile, ’s bha na gnothuichean air an robh iad a’ tòiseachadh a’ dol ’n an aghaidh. ’S e bun a bh’ ann, ’an ceann bliadhna no dhà thòisich na comunnan a’ seargadh ’s a briseadh o chéile cho cabhagach ’s a bha iad a’ dol cuideachd. ’S an dà bhliadhna, 1825-6, bhris iomadh Banc air feadh Bhreatuinn, ’s moran de na comunnan ud a chuireadh suas air son malairt a’ chur air aghart ’an caochladh àitibh de’n rioghachd. Thug na nithe sin air mòran cheannaichean briseadh, agus sgaoil an call a measg gach inbhe sluaigh. Ach le misneachadh fhaotainn o Bhanc Shasuinn, bha creideas a lion cuid ’us cuid air aiseag a measg luchd malairt. Bha ministeirean a’ chrùin ag atharrachadh mu’n àm so co tric ’s ged a bha iomadh lagh feumail air an deanamh leò, nach biodh e gle thaitneach a bhi ga ’n ainmeachadh uile. ’An toiseach na bliadhna 1828, thainig Diùc Uelington gu bhi ’na Prìomhair. Bha Mr. Peel (an déigh sin Sir Raibeart), a measg a chomh luchd dreuchd. Goirid roimhe sin, ’am meadhon an t-samhraidh 1827, sheulaicheadh còrdadh ’an Lunninn eadar ministeiribh Bhreatuinn, ’s na Frainge, ’s Rusia air son stad a chur air a’ chogadh fhuilteach a bh’ eadar an Turcach, agus na Greugaich a bh’ air éiridh ’na aghaidh gus a chuing a thilgeadh dhiùbh. Agus air an fhicheadamh là de threas mìos an fhoghair sgrios càbhlaichean aonaichte nan trì rioghachdan sin an càbhlach Turcach ann am Camus Nabharìno. Anns a’ bhliadhna 1830 fhuair na Greugaich an saorsainn o chuing an Turcaich. Tha iad o’n uair sin ’n an rioghachd air leth leò féin. ’S e ni araidh air son a bheil tighearnas Uelingtoin ainmeil, gu ’n d’ rinneadh dà lagh ro fheumail ri linn e bhi air ceann an tighearnais. B’e ’n ceud aon diubh atharrachadh a dheanamh air an Reachd a rinneadh ri linn Theàrlaich II. a reir nach feudadh duine sam bith a bhi air a ghabhail a steach do dhreuchd fhollaisich gun e ghabhail na sàcramaid a réir riaghailtean na h-eaglais stéidhicht’ ann an Alba ’s an Sasunn. Bha so a’ cumail a mach as gach dreuchd fhollaisich ’s an dà rìoghachd mòran de dhaoine saibhir, comasach, ni a bha ’g aobharachadh mòran nì-thoileachaidh a measg an t-sluaigh. Chaidh an lagh atharrachadh aig an àm so, air sheòl ’s gu’m feudadh duin’ uasal sam bith a bhi air a ghabhail a steach do dhreuchd fhollaisich gun a chreud atharrachadh. Chaidh lagh ’eil atharrachadh ’am fàbhar nam Caitliceach. Cha ’n fheudadh aon diùbhsan roimhe so o àm na Rìghchuairt dreuchd fhollaiseach sam bith fhaotainn ’s an rioghachd. Ach bha na Caitlicich aig an àm so, gu h-àraidh ’an Eirinn, air tighinn gu buaireas mòr air son an leth-bhreth a bha air a deanamh orra. Bha fear Daniel O’Connel ’na churaidh aca, gu bhi tagairt an cùisean feadh Shasuinn. Anns a’ bhliadhna 1829 thug ministeirean a chrùin Bil a steach do’n Phàrlamaid air son an lagh so atharrachadh air sheòl ’s gu’m feudadh Caitliceach sam bith a bhi ’na fhear-dreuchd le e mhionnachadh gu ’m biodh e dìleas do’n righ, ’s aideachadh nach ’eil tighearnas aimsireil aig Pàpa no aig neach sam bith eile ’s an rìoghachd so, ach luchd riaghlaidh dligheach na rìoghachd féin. Air an treas la deug de mhìos meadhonach an earraich chuireadh an Seula Rìoghail ris an Achd sin; agus o’n uair sin tha na Caitlicich a’ faotainn nan aon chòraichean ri ìochdarain eile na rioghachd. Chaochail Seòras IV. air an t-seathamh là fichead de mhìos meadhonach an t-samhraidh 1830, ’s an ochdamh bliadhna thar an trì fichead de ’aois, agus thàinig a bhràthair a b’ fhaisge, Diùc Chlarens, thun na caithreach, fo’n tiodal, Uilleam IV. UILLEAM IV. Mu’n cuairt do mhìos ’an déigh do rìgh Uilleam tighinn thun na caithreach thachair Rìghchuairt eile ’s an Fhraing a chuir buaireas mòr air na Breatunnaich. Chuireadh air falbh o’n chaithir Teàrlach X., bràthair Luthais XVIII., a mheur bu shine de’n teaghlach rìoghail, ’s thugadh a steach Diùc Orleans, meur a b’ òig’ an teaghlaich fo’n tiodal, Luthais Philip, Rìgh nam Frangach. Bha gluasad mòr roimhe sud a measg nam Breatunnach, ag iarraidh co-shuidheachadh na rìoghachd a dheanamh ni b’ fharsuinge, air sheòl ’s gu ’m biodh guth aig cuid mhaith ann an roghnachadh Buill Pàrlamaid, aig nach robh fathast còir air sin. Roimhe sud bha mòran de Bhuill na Pàrlamaid air an cur a stigh le seana Bhuirgh, anns nach robh ach tearc de luchd àiteachaidh, an uair a bha Buirgh ùr air éiridh suas anns an robh mòran luchd àiteachaidh, aig nach robh còir idir air Ball a chur a steach. Mar bu trice ’s ann do theaghlaichibh nam Morairean a bhuineadh na Buirgh ud, no ’m fearann air an robh iad, ’s gheibheadh iad an càirdean féin air an cur a stigh; ’s theirteadh Buirgh Pòcaid riu air son sin. Bha iad ag iarraidh co-cheartas ’s an t-seadh so. Agus ni eil’ a bha iad ag iarraidh atharrachadh, gu’m biodh Vote aig cuid do nach buineadh sin roimhe, a thaobh lughad an cur a stigh; cuid ag iarraidh an cur a stigh a bhi ’n t-suim so, ’s cuid an t-suim ud eile, mu’m faigheadh iad Vote. Thug Morair Iain Rusel Bil a steach do’n Phàrlamaid air son an co-shuidheachadh a leasachadh a reir nan nithe so. Ach bha’n àireamh bu mhò ’na aghaidh, agus sgaoil an righ a’ Phàrlamaid, ’s roghnaicheadh Pàrlamaid nuadh aig àm ris am feudtadh da rìreadh àm carraideach a ràdh. Bha’n àireamh bu mho de’n Phàrlamaid sin air taobh a’ Bhil; ach bha mòran de Thigh nam Morairean ’na aghaidh, ’s b’ éigin tuilleadh Mhòrairean a dheanamh mu ’n d’ fhuaradh troimh ’n Tigh-san e. Thàinig a’ chuid dheth a bhuineadh do Shasunn gu bhi ’na lagh air an t-seachdamh là de mhios meadhonach an t-samhraidh, 1832, agus a chuid deth a bhuineadh do Alba ’s do Eirinn air an dà mhìos ’an déigh sin. Thug an lagh so a bhi air a dhaingneachadh mòr shìth do ’n rìoghachd aig an àm; ach bha mòran de na h-àrd-uaislibh ’na aghaidh. Bha ’n reachd so a’ toirt Vote air son Ball Pàrlamaid a roghnachadh do gach Albannach a bha pàigheadh lethcheud Punnd Sasunnach de mhàl tigh ann am baile mòr, no ma’s sealbhadair e air tigh ann am baile mòr is fhiach deich Puinnd Shasunnach ’s a’ bhliadhna. Tha ’chuid de ’n lagh a bhuineas do Shasunn ’s do Eirinn faisg air a bhi coslach ri so. Anns a’ bhliadhna 1834 dhaingnich a’ Phàrlamaid Reachd leis an robh na Daoine Dubha ’bha ’nan tràillibh ’s na h-Innsibh a’s iar air an cur gu brath saor o fhòirneart ’us ain-tighearnas an luchd-sàrachaidh. Bha ’n Reachd maith so gu bhi air a chur ’an gniomh o’n cheud la de cheud mhìos an fhoghair. Ach ’an àite na Daoine Dubh’ a’ leigeadh air an gurt féin, gun neach a’ sealltuinn as an déigh, bha ’n t-Achd a’ solarachadh gu’m feumadh gach aon diubh fantuinn còmhladh ’ri ’mhaighstir, mar fhòghluide ré thrì no cheithir bliadhna, agus a bhi ’n ceann seirbhis dà fhichead uair ’s a cuig de thìm ’s an t-seachduin. A chum ’s nach fuilingeadh neach sam bith air son an Achd oirdheasaich ud a bhi air a dhaingneachadh dh’ aontaich a’ Phàrlamaid ri fichead muillean Punnd Sas- [TD 347] [Vol. 8. No. 44. p. 3] unnach a’ phàigheadh do no maighistiribh air son an saorsainn a thoirt do na tràillibh. Air a’ bhliadhna 1835 bha aire na Pàrlamaid gu mòr air a togail le gnothuichibh Eirinn, gu h-àraidh staid na h-eaglais Shuidhichte ’s an tìr sin. Ach an déigh mòran deasboireachd ’us connsachaidh dh’ fhàg iad nithe dìreach mar bha iad roimhe. Anns an ath bhliadhna rinn a’ Phàrlamaid caochladh Achdan a bha feumail do Bhreatunn. Ach ’s e ’n t-aon is ainmeile dhiubh sin an t-Achd coitchionn air son cur air chuimhne Breith ’us Pòsaidh ’us Bàis anns na trì rioghachdaibh. Chaochail Uilleam IV. ’an Lunuinn air an fhicheadamh là de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1837. Cha robh aig an rìgh ach dithis de chloinn dhlighich; agus bhàsaich iad sin ’n an cloinn bhig. B’e ’bhràthair a b’fhaisge Diùc Chent, oighr’ a’ chrùin aig bàs Uilleim IV. Ach bha Diùc Chent air bàsachadh iomadh bliadhna roimhe so, agus gun aige de theaghlach ach aon nighean, a’ bhan-phrionnsa Uictoria. B’ i so a nis a’ bhan-oighre dhligheach, agus chaidh a h-éigheach ’na ban-righ Bhreatuinn an déigh bàis bhràthair a h-athar.—Eachdraidh na h-Alba. Na Marbhrannan. Thuirt mi cheana, arison na bheil de ghnothuch agam an traths ris a’ Bhardachd a tha air a h-ainmeachadh air Oisean agus air na seana Bhaird eile, nach dean e bheag de mhuthadh co-dhiu is e Mac-Mhuirich ’us Mac-a-Ghobhainn no Mac-Fhinn a sgriobh i. Cia b’e a sgriobh i, tha e air aideachadh leis gach neach gur Bardachd i a tha airidh air gach urram a fhuair i anns gach cearn de’n t-saoghal. Anns a’ Ghaidhealtachd cha do chuireadh riamh an teagamh nach e fior shaothair nan seana Bhaird a gheibhear ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich agus ann “Sean Dana” Mhic-a-Ghobhainn. Ach air Galldachd agus ann an Sasunn tha fios againn uile gu’n do chaitheadh moran dragh agus moran airgid a’ feuchainn ri dhearbhadh, mu “Oisean” Mhic-Mhuirich gu sonruichte, gur e Mac-Mhuirich fein agus nach e Oisean a sgriobh a’ Bhardachd oirdhearc sin. Cha d’thugadh seachad fathast ann an Gaidhlig, cho fad agus is aithne dhomh, cunntas air a chonnsuchadh agus air an deasboireachd a thachair mu’n chuis so. Cha ’n e mo rùn an traths an sgeul innseadh. Cha sgeul ro thaitneach i; agus cha chualas fathast, anns a’ Bheurla fein, am focal mu dheireadh dh’i. Their cuid gu’n do sgriobh Mac-Mhuirich “Oisean” an toiseach anns a’ Bheurla; agus, ’na dheigh sin, le cuideachadh a chairdean, gu’n d’eadar-theangaich e a Bhardachd fein gu Gaidhlig. Cha ’n ’eil neach do nach aithne an dà chanain comasach air breith a thoirt air a’ chuis so; agus cha’n aithne dhomh aon d’an aithne an dá chanain ach Caimbeulach Ile a tha de’n bheachd gur anns a’ Bheurla a sgriobhadh “Oisean” an toiseach. Their cuid eile gu’n do chruinnich Mac-Mhuirich moran de sheana Bhardachd agus de Sgeulachdan anns a’ Ghaidhealtachd; agus gu’n do chuir a fein agus a chairdean, leis na chruinmich e mar bhonn-steigh, ri cheile “Oisean” air an doigh air an do chuireadh fa chomhair an t-saoghail ann an leabhar e. Cha ghabh e nis dearbhadh co-dhiu tha ’m beachd so uile gu leir fior no nach ’eil. Tha dearbhadh cinnteach gu leoir gu’n d’fhuair Mac-Mhuirich moran Bardachd anns a’ Ghaidhealtachd o bheoil dhaoine agus ann an sgriobhaidean a tha nis air chall. Tha e fior nach faighear anns a’ Bhrrdachd Oiseinich a chaidh a sgriobhadh roimh linn Mhic-Mhuirich no chaidh a chruinneachadh o’n am sin, agus a tha nis ri fhaotainn, ach beagan rannan a fhreagras, focal air fhocal, ri “Oisean” Mhic-Mhuirich. A ris their na h-Eirionnaich gur ann daibh-san a bhuineas na tha de sheana Bhardachd ann an leabhar Mhic-Mhuirich; gu’n de ghoid Mac-Mhuirich “Oisean” á Eirinn; agus gu’n d’atharraich e e mar a thoilich e fein. Cha ’n ’eil mi meas gur airidh am beachd so air a rannsuchadh. Cha do dhearbh na h-Eirionnaich fathast gu’n robh aona chuid a’ mheirle no am meirleach riamh ann an Eirinn. Gus an dean iad sin saoilidh mi gu’m faod sinn an coir air “Oisean” aicheadh. Tha mi deanamh dheth nach abair neach ’sam bith a rinn a’ bheag de rannsuchadh air Eachdraidh agus air Litreachas nan Gaidheal ann an Albainn gu bheil againn an an “Oisean” Mhic-Mhuirich Bardachd Oisein anns an dearbh chainnt agus anns a’ cheart ordugh anns an d’fhag Oisean e fein i cuig no se-ceud-deug bliadhna roimhe so. Ach cha mho tha fios cinnteach againn, agus cha ’n ’eil m’fhiughair gu’m bi gu brath fios cinnteach againn, air meud an atharrachaidh a rinneadh le Mac-Mhuirich no le neach eile air Bardachd Oisein mu’n do chuireadh an t-saothair ann an clo. Tha fios againn gu’n robh anns gach linn Fionn ’us Oisean, Goll ’us Oscar—an clù ’s an euchdan—am beul an t-sluaigh. Tha fios againn gu’m b’e Oisean mac Fhinn Bard na Feinne. Tha fios againn gu’n robh Bardachd a bha air a h-ainmeachadh air Oisean siubhlach am measg nan Gaidheal Albannach o chionn ceithir-cheud-bliadhna air a chuid is lugha. Tha fios againn gu’n do chruinnich Mac-Mhuirich moran de’n t-seana Bhardachd so a tha nis air chall mur faighear ’n a leabhar fein i. Tha fios againn gu’n d’thug moran de dhaoine tuigseach fianuis seachad gu’n robh iad, ’n an oige, cleachdta ri bhi cluinntinn roinn mhor de’n Bhardachd mar gheibhear i ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich. Ach cha ’n ’eil fios cinnteach againn air na fhuair Mac-Mhuirich de sheana Bhardachd air a thuruis anns a’ Ghaidhealtachd; agus cha ’n ’eil agus cha bhi fios cinnteach againn air cho cosmhuil agus a tha Bhardachd a thug e seachad ris a’ Bhardachd a fhuair e. Cha ’n ’eil teagamh agam fein nach d’ thug e seachad roinn d’a chuid fein ann an ainm Oisein. Ach co am Bard no na Baird a chuir an t-seana Bhardachd anns a’ chainnt anns an d’fhuair Mac-Mhuirich i; agus cia meud a thug Mac-Mhuirich seachad d’a obair fein, cha ’n ’eil mi meas gu’n gabh e dearbhadh gu brath. Ach airson fior luach na Bardachd agus a feum dhuinne cha ’n ’eil mi meas gu’n dean e bheag de mhuthadh co rinn i. Bu toigh leinn gun teagamh a bhi creidsinn gu’n robh Fionnaghal ’n a righ cumhachdach ann an Morbheinn o chionn se-ceud-deug bliadhna; gn’n deachaidh e tric a mach a sheasamh coir a’ dhuthcha ’s a’ shluaigh; agus gu’n robh “fonn nan oighean ’s guth nam Bard” a’ dol na chomhdhail an uair a “Thill righ nam buadh le ’shluagh gu ’thir.” Ach airson fior fheum dhuinne an diugh, tha a’ Bhardachd cho cumhachadh ged rachadh a dhearbhadh am maireach nach robh Fionnaghal riamh ann am Morbheinn ach ann an smuain a’ Bhaird a mhain. Co a shaoil riamh gu’m biodh Milton no Shakespeare no Tennyson na bu chumhachdaiche mar luchd-teagaisg nam b’e agus gu’m biodh Eachdraidh na cul-taice d’an smuain na bu laidire na tha i. Cia b’e chur “Oisean” ri cheile mar tha Bhardachd againne nis is aitreibh ghreadhnach e. Tha sinn cinnteach á aon ni. B’e cridhe Gaidhealach a dhealbh i; agus b’e lamh Ghaidhealach a sgriobh i. Feudaidh e bhi nach buineadh an cridhe ’s an ceann ’s an lamh do’n aon duine no do’n aon àm; ach bhuineadh iad do’n aon fhuil agus do’n aon àite. An fhad so tha mi meas gu bheil “Oisean” a’ giulan fhianuis agus a bharantais fein air clar eudain. Is Gaidheal e ’n a ainm, ’n a chainnt, agus ’n a nadur. Cha saoil mi gu bheil neach is urrainn an leabhar a leughadh anns a Ghaidhlig a chuireas so ann an teagamh. Airson aobhar no dhà tha ’n t-seana Bhardachd so dhuinne ro luachmor; ach feudar a radh le firinn ma bheirear air falbh á “Seann Dana” Mhic-a-Ghobhainn na Marbhrannan, gun toirear air falbh a’ chuid is luachmhoire d’am Bardachd. Tha moran de na “Seann Dana” a’ giulan an ainm Cumha no Caoidh no Tuireadh—mar so Tuireadh Armhoir; Caoidh Chrimine—a ris Bas Dhiarmaid; Tiomnadh Ghuill; agus mar sin sios. Agus a thuilleadh air so, is Cumha no Marbhrann ann am firinn a mhor chuid de’n chorr, cia air bith an t-ainm. A rìs cha ’n eil teagasg eile, saoilidh mi, cho luachmhor ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich no ni, a reir mo bheachdsa, a tha togail na Bardachd sin cho ard os cionn gach Bardachd Ghaidhealach eile a tha againn, ris an urram a tha cuimhne nan laoch a thuit ’s a’ chath, a’ cogadh gu gaisgeil airson cuis ’us aobhair an Sluaigh ’s an Duthcha, a’ faotainn o gach neach, agus gu sonraichte o gach neach is airde inbhe agus is cluitiche ainm. Cha’n fhaighear, ma dh’fhaodte ann an “Oisean’ na ceudan sreath air an lionadh leis gach buaidh a bhuineadh do’n treun a thuit, agus gach buaidh a b’aithne do’n Bhard a chur ann an caint, co-iu bu bhuaidh i bha dligheach do aon dh d’a luchd-eolais na nach b’eadh; ach gheibhear air gach taobh duilleig de “Oisean” feart gu mor is urramaiche na so agus air gach doigh is freagarraiche airson teagaisg Sluaigh. Gheibh thu daoine calma, treuna air an aonadh a sheasamh coir an Duthcha agus an Sluaigh. Gheibh thu mnathan malda, maiseach, an seilbh air urraim mhoir agus fo dheadh chliu. Gheibh thu na Baird ard ann an urraim, airson an treuntais, an gliocais, agus an gluasaid. ’Se dleasdanas nan daoine so a bhi giulan chumhnantan sithe eadar naimhdean. Mur ’eil e comasach sith a dheanamh, tha ’m Bard a’ dusgadh misneach ’us gaisge an t-Sluaigh, agus ’g an leantainn do’n chath, “le cruaidh bhrosnachadh nan Dàn.” ’Se am Bard is Seanachaidh no Fear-eachdraidh, agus is e ’dhleasanas an deigh a’ bhlair cuimhne ghleidheadh air mar a ghluais gach neach e fein, agus cliu nan treun a thuit ’s a’ chath a sheinn. ’S e is Fear-teagaisg; oir an uair a tha ’n t-arm a leigeadh an sgìths’ air an turus, no anns an anmoch an deigh cath an latha a chur seachad, tha ’m Bard ag innseadh “Sgeul air am a dh’ fhalbh.” Tha ’n oigridh a’ faighinn eolais o a bheul air an doigh is taitniche agus is druightiche air an gabh foghlum toirt seachad—le eisempleir nan daoine a chaidh romhad—an doigh air an do ghluais iadsan iad fein ri uchd cruadail, agus an t-urram a choisinn iad airson an deanadais. (Ri leantuinn.) THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. [TD 348] [Vol. 8. No. 44. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IUN 8, 1900. Chualas mor an air a bhliadhna chaidh seachad mu’n dlùth chàirdeas a bha air eiridh eadar Breatunn ’s na Stàidean, ach tha e fas gle cho ltach nach eil an càirdeas sin ach air son aon taobh—air taobh Bhreatuinn. Nochd Breatunn càirdeas nach bu bheag do na Stàidean an àm a chogaidh Spàinntich, ach cha’n eil na Stàidean cho ullamh sin idir gu càirdeas a nochdadh do Bhreatuinn. An àite sin ’s ann a tha mhor chuid de ’n t-sluagh ag altrum gamhlais do’n t-seann dùthaich agus mar is dlùithe tha am an Taghaidh a tighinn orra, ’s ann is follaisiche tha’n gamhlas sin air a nochdabh. An la roimhe, chuir Sasunnach ann an New York suas bratach a dhuthcha ri thigh fhein; thainig grunnan dhe choimhearsnaich far an robh e a dh’ iarraidh air a toirt a nuas, agus nuair nach deanadh e sin, thug iad fhéin a nuas i ’s loisg iad i. Dh’ fhaodadh bratach nan Stàidean a bhi ’n crochadh ri crann gu la Luain an Canada no ’m Breatunn mu’n deante ni cho suarach ’sa losgadh. Ged nach robh an sgeul a thainig air an t-seachdain s’a chaidh, gu ’n robh Pretoria an lamhan nam Breatunnach, uile gu leir fior, bha tomhas mor firinn innte. Bha Cruger us ’ard luchd-dreuchd air teicheadh, agus bha muinntir a bhaile an deigh aontachadh eatorra féin nach feuchadh iad ri cur an aghaidh nam Breatunnach idir, ach gu ’n toireabh iad am baile suas dhaibh. Di-màirt s ’a chaidh, rinn Morair Roberts air ceann armailt lionmhor a dhol a stigh dh’ an bhaile, agus ghabh e seilbh air an ainm na Ban-righ’nn. Tha bratach Breatuinn a nise snàmh os ceann tigh-an-riaghlaidh ann an ceanna-bhaile ’n Transvaal, agus faodar a radh gu bheil an cogadh seachad. Faodaidh pairt de na Boerich leanailt air cur an aghaidh nam Breatunnach, ach cha bhi sin ach a cur am barrachd call orra fhéin. Bha an cogadh ris na Boerich ’na cogadh searbh, agus is math an ni e bhi seachad. An Samhradh. Is lionmhor maise agus cùis shòlais a tha fuaighte ris an t-samhradh. Is eibhinn an sealladh an driùchd air bharr an fheòir, fiamh gach braoin dheth mar bhogha frois nan speur, na beanntan àrda air an òradh le gathaibh soilleir na gréine, agus craobhan na coille a’ bruchdadh am mach an duillich uaine. Is cubhraidh fàileadh na meala bho bharr an fhraoich, agus is binn torman ciùin nan allt a’ ruith seachad gu siubhlach réidh, agus còisridh cheòlmhor nan eun a’ ceileireadh air gach meangan. Cò ’n cridhe an diugh nach cuir an ceill tàingealachd do’n Ti ghràsmhor agus uile-chumhachdach sin a chruthaich na saoghail, agus a tha toirt mu ’n cuairt ràidhean na bliadhna le aimsir fhàbharraich ’na àm iomchuidh fhein? Is mòr an t-aoibhneas agus an gean a tha’n diugh air gach ni air uachdar an t-saoghail seach mar a bha o chionn beagan mhiosan air ais, an uair a bha na beanntan a tha’n diugh air snuadh an òir air an comhdach bho ’m mullach gu ’m bonn le leine gheal na h-oidhche gheamhradh; gach craobh ’na crann rùisgte ’s a duilleach seargte m’ a thimchioll; glas-ghuib ach beag air uile eunlaith nan speur; an cuan a tha ’n dràsta mar sgàthan do thìr-mòr is eileanan ’s an àm ud air at le doinionn; a thonnan uaibhreach a’ beuchdaich seachd mile na’s buirbe na ’n leomhann bho’n buinte a chuileannan gun a chridhe aig neach a dol ’g an còir, no ach gann amharc orra gun chùram is eagal. A leughadair, thugamaid fa near ged a shéideas doinnion agus dùdlachd thairir oirnn, nach bi a chùis mar so a chaoidh. Thig earrach na beatha—madainn ghlòirmhor na h-aiseirigh—anns an éirich sinne leis a’ chorp cheudna leis am bheil sinn beò a’ gluasad an diugh air an talamh. So mar a tha ’n t-abstol ag ràdh a thaobh nan nithean so:—“Cuirear e na chorp nàdarra, éirigh e ’na chorp spioradail,” agus “an sin sluigear suas am bàs le buaidh.” B ’fhearr gu’m biomaid glic, agus gu’n tugamaid fa near ar crìch dheireannach, a chum nach bi aobhar againn, aon chuid an tìom no ’m bith-bhuantachd air a bhith ’caoidh no a’ cur iomachair òirnn fhein air son gu’m bheil “an samhradh seachad, agus an fogharadh crìochnaichte, agus nach ’eil sinne air ar saoradh.” J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. GHEIBH THU TI, SIUCAR, CANNDAIDH, BRIOSCAIDEAN, IASG, HAMS, BACON, IASG, FEOIL AGUS MEASAN AIR AN CUR SUAS ANN AN CANAICHEAN AIG Aonghas D. Mac Gilleain, Sidni C. B. Anns an t-seann “American House.” Nov. 3, ’99.—6m Gheibhear tuilleadh ainmean “Iadsan a phaigh” anns an àireamh so. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. Nova Scotia Furnishing Co., (LIMITED.) Ard-Chairtealan air Eilean Cheap Breatunn. SRAID SHEARLOT, SIDNI Airneis agus Brait-Urlair. An Stoc a’s motha, am Bathar a’s fhearr, agus na Prisean a’s isle. Taghail a stigh, neo cuir a dh’ iarraidh ar pris-chlar. dce. 8,’99.—1yr. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. Cum suil air a chuil so air son Sanas bho A. W. REDDEN & CO. luchd-reic Bhrog, Bhotainnean agus chuaran, do shean us og. June 7, 1900 1yr SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE. AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. [TD 349] [Vol. 8. No. 44. p. 5] NAIGHEACHDAN. Tha a’ bhreac ann am baile Winnipeg; chaochail sianar leatha o chionn ghoirid. Nuair a gheibh thu pasg de Union Blend Tea, dean cinnteach gu bheil iuchair ann; tha te anns gach pasg puind; 25, 30, 35 is 40 sent am punnd. Fhuair sinn òran beag blasda bho ar caraid Seumas A. Mac Ille-mhaoil a bhios air a chur an clo air an ath sheachdain. Tha aoibhueas mor air feadh na h-Impireachd Bhreatunnaich o ’n fhuaireadh fios gu bheil an t-arm Breatunnach ann an Pretoria. Tha muinntir Fox Bay, an Anticosti a deanamh deiseil gu dhol a mach gu ruige Dauphin, am Manitoba, far an tog iad fearainn. Bha dùil aon uair gu robh iad a dol a tighinn do Cheap Breatuinn. Tha an reul Bhenus, a bha dlùthachadh air an talamh o chionn treis a dh’ ùine, a nise cho faisg air ’sa bhitheas i. Bha i aig a h-àrd shoillse air a cheud latha dhe ’n mhios so. Tha an reul so da fhichead us da mhuillein de mhiltean o ’n talamh. Tha soitheach-smuide de’n “Phlant Line” gu bhi ruith direach eadar Sidni us Boston air an t-samhradh so. Tha a’ cheud thurus ri bhi air a dheanamh mu mheadhon a’ mhios so. Bidh am faradh $10 air son turus aon rathad, no $18 air son falbh us tighinn. Tha pàriamaid Eilean a’ Phrionnsa cruinn, ach leis cho faisg ’sa tha da thaobh an taighe air a chéile ann an àireamh, cha ’n eil moran gnothaich ’ga dheanamh. Tha chuid mhor dhe ’n ùine air a caitheamh le connsachaidhean mu nithean beaga nach eil a chum moran feuma do ’n dùthaich. Chaidh fear Daibhaidh Dumas a losgadh gu bàs aig a dhachaidh ann an Ontario o chionn da sheachdain air ais. Chaidh an tigh ’na thein’ air, agus chaill e ’bheatha feuchainn ri chur as. Chaidh na saibhlean a losgadh aig an àm cheudna, agus da fhichead ceann cruidh ’nam broinn. Dh’ òrduich riaghladh nan Staidean o chionn ghoirid o chuideachd chruadhach ann a Philadelphia nithean àraidh a bha dhith orra air son soìthichean cogaidh. ’Se ’m fios-freagairt a fhuair iad o ’n chuideachd nach deanadh iad ni sam bith a bha gu bhi air uisneachadh ann an cogadh—a cheud fhreagairt dhe ’n t-seòrsa thugadh riamh do uachdaranachd dùthcha sam bith. Tha a chuideachd dhe ’n fharail nach eil cogadh ’na ni ceart, agus cha ’n eil iad air son cuideachadh leis ann an dóigh sam bith. Tha trioblaid eadar na Stàidean ’s an Tuirc—na Stàidean ag iarraidh diolaidh air son milleadh a rinn na Tuacaich air cuid mhissionartes a mhuinntir nan Stàidean, agus an Tuirc a’ gealltuinn sin a dheanamh ach gun a bhi ’ga choilionadh. Tha na Staidean a mise maoidheadh port Trucach a ghlacadh agus a chunnail gus am faigh iad an cuid fhéin á cisean na cusbuinn. Tha an Tuacach cho carach ’sa bha e riamh; geallaidh e ni sam bith, agus bristidh e gach gealladh a ni e. Chaidh triuir no cheathrar de dhaoin’ òg a bhaile a ghoirteachadh le spraidheadh fùdair oidhche Di-luain, ’s iad a’ deanamh caithream gàirdeachais air na straidean, mar a bha mhor chuid dhe’n t-sluagh, an deigh sgeul tuiteam Pretoria fhaotainn. Chaill fear dhiubh, d’an ainm Dumbreck, dha dhe mheòirean; cha d’rinneadh air cach ach dathadh losgaidh, agus bidh iad slàn gu leor an ùine ghoirid. Bha a Bhan-righ ann an chisteal Bhalmoral ’nuair a fhuair i an sgeul gu robh a cuid airm ann am Pretoria, agus air an fheasgar sin thug i òrdugh tein-eibhneis a bhi air a lasadh air mullach Creag Eoghain. Thatar a deanamh gàirdeachais mor anns gach cearna dhe ’n Impireachd Bhreatunnaich, agus cha ’n ioghnadh, oir tha Breatunn a nise na ’s àirde ann an sùilean an t-saoghail na bha i riamh. NA GAIDHEIL DHILEAS. Iadsan a Phaigh Mac-Talla. Sim. R. Mac Gill-fhinnein, an Similear. Eoin Beutan, Gleann nan Sgitheanach. Iain B. Gillios, Gleann nan Sgitheanach. F. N. Mac Gill-fhinnein, Whitney Pier. Alasdair Caimbeul, Brook Village. Iain Domhnullach, Beinn Ghillanders. Alasdair Dughlach, Nyanza. Aonghas D. Mac Raing, Mabou. Calum A. Mac Leoid, Premier P. O. Fearchar Mac Leoid, Rudna ’n Rothaich. Iain C. Mac Neill, Narrows Mhora. Bantrach C. Dhomhnullaich, Fourchu. Gilleasbuig Moireastan, Horn’s Road. R. MacCoinnich, (Eildear) Loch Bhlackett. Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett. A. H. Dughlach, Amhuinn nam Breac. An t-Urr. Coinnich Mac Coinnich, am Beighe ’n Iar. Bean A. Chamaran, Gleann Uilleim, E.P.I. A. Mac Isaic, Oakland, Cala. An t-Urr. Brathair Ananias, San Francisco. Bean D. MacFhionghain, Moreton, N. Dak, Mairearad Dhomhnullach, Mattaponsett. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. Tha Deise Mhath Dhomhnach. a dhith ort, agus gun teagamh ’s coir dhut a ceannach o H. H. Sutherland & Co. Tha ’m bathar a’s fhearr air a phris a’s isle uat, agus Tha sin againne dhut Deiseachan o $3.50 gu $18.00, a fhreagras air gach seorsa dhaoine sean us og; agus bathar eile a reir do thoile ’s do sporain. Am bheil thu dol a cheannach PAIDHIR BHROG? Mur do dh’ fheuch thu stor nan SUTHARLANACH bu choir dhut. Nach eil fhios agad gu’n caomhain thu arigead ann am PRIS ’s am BUAINEAD nam Brog a gheibh thu againn. Faic ar stoe co-dhiu ni no uach dean thu dad a cheannach. Gheibh thu an cunnradh a’s fhearr ’sa bhaile againn. H. H. SUTHERLAND & Co. Stor Airgeid na h-Aon Phrise. Far an robh TORMAD DOMHNULLACH, SYDNEY CASH STORE. Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig, J. C. MILLS, - - - Sidni. STOR ADAN. Sin an t-aite dh’ an coir dhut a dhol ’nuair a tha thu ’g iarraidh ad no currachd ur, saor agus fasanta. Tha sinn a’ sealltainn gach seorsa, a fhreagras air daoine, mnathan, gillean agus nigheanan. Thig ’g am faicinn. Cha chosg e sion dhut sin a dheanamh. H. H. MAGEE. Ross Block, So. Charlotte St., SYDNEY. May 3, ’00—1yr. [TD 350] [Vol. 8. No. 44. p. 6] Sarachadh a Cheisdeir. Ged bha ’n ceisder ’n a dhuine suidhichte, bha aon ni a thug iomadh sàrachadh dha; ’s e sin cho duilich ’s bha e dha cumail air a ghàire, ’n uair chluinneadh no chitheadh e dad ’bha ullamh air gàire bhrosnachadh. Chunnaic mi uair no dhà ann an s bàirn mhòir e, ann an coimh-cheangal ri sin. Bha e ’ga ’m chobhair, mar phrecenter, air sàbaid comanachaidh ann a’ Steòrnabhadh, anns a’ phàirce air cùl a phrìosain. ’N uair thàinig Mr. Dòmhnull Macrath, ministeir Nish, a mach as a’ bhucas gu riarachadh aon de na bùird, thòisich e, is lean e air labhairt, air an naimhdeas a chaidh a’ nochdadh le daoine do Chriosd, o àm a bhreith gu àm ’aiseirigh. Bha maighstireachd iongantach aig Mr. Macrath air a’ Ghàilig, agus smachd sonraichte air féin; ionnus nach gluaiseadh féith ’na aodann féin, ged chuireadh e, le ’chainnt, làn tighe a ghàireachdainn. Cha deach e fad air aghart an là ud, gus an dubhairt e, “Dh’ fhoighnich druidhean o ’n àird an ear de Herod, ‘C’àit’ am bheil righ sin nan Iudhach a chaidh a bhreith!” ‘Righ nan Iudhach!’ arsa Herod; ‘duth-donna dhomh-sa.” Rinn so an ceisdear a chuir air chrith, agus b’ fheudar dha a cheann a’ chromadh gus an làr. Cha robh e dad ach air faochadh fhaotainn o ’ghàire, ’n uair thubhairt Mr. Macrath a ris, “Chuireadh Criosd anns an uaigh; agus thàinig na h-àrd-shagartan agus na Phairisich gu Pilat, ag ràdh, ‘is cuimhne leinn an uair a bha mealltair ud fathasd beò gu ’n dubhairt e, Eirigh mi an déigh thrì làithean. “Mealltair!” arsa iadsan. Cha ’n ’eil e ceart dhuit duine sam bith a chàineadh an déigh a bhàis. Mar biodh Pilat a’ ni a bha e, cha ’n éisdeadh e riu. Co ’m fear a bh’ ann Pilat? Bha, dhuine, fear a mhinisteirean moderate an là ud.” Aig cluinntinn sin d’ an cheisdear bha cheann ri làr a ris, ’s cha do thàr e thogail tuilleadh gus an do sguir am ministeir; oir chaidh Mr. Macrath air aghart ag ràdh, “Thubhairt Pilat, nach eile faire agaibh? Dh’ imich iad agus rinn iad an uaigh cinnteach a’ cur seula air a’ chloich. Faic a nis, Criosd anns an uaigh, agus Ceasar air a mhuin. Cha b’ e Ceasar fein, ach seula Cheasair. Ach, O, thàinig an aingeal a nuas o néamh, agus thug e breab do ’n chloich, ’s chuir e car-a-mhuìltean dhith, agus do Cheasar còmhla ri. Rinn e sorchan suidhe d’a féin dith. Shuidh e oirre gus an d’ thainig na mnathan, d’ an dh’ innis e a’ naigheachd mhòr, gu robh Criosd air éirigh.” An ath-bhliadhna an déigh sud, anns an àite cheudna, fhuair an ceisdear sàrachadh eile le Mr. Macrath. ’N uair thàinig e mach, gu riarachadh bùird, bha a’ ghrian dealrach, teth. ‘Eirich,’ ars’ an ceisdear riumsa, ‘agus tog an umbrella os a chionn. Cha ’n urrainn mise a dheanamh, oir tha eagal orm gu ’n can e rud-eigin a bheir gàire orm, ’s gu ’m bi mi air mo mhaslachadh am fianuis a’ choimhthionail.’ Dhiùlt mise éirigh. Dh’ éirich an ceisdear fein, agus thog e an umbrella. Bha Mr. Macrath ag earalachadh an luchd-comanachaidh a bhi seasmhach air taobh an Tighearn, agus an aghaidh an uilc. Cha bu luaithe thog an ceisdear an umbrella na thubhairt Mr. Dòmhnull, ‘Bha e ’na chliù air Fionn, nach deach e rìamh air ais am blàr-catha, ach fad na troidhe. Tuigidh tu féin sin. Chuir e dìreach an ordag-mhòr far an robh am bonn-duth.’ Bhris air gàire a’ cheisdear; cha b’ urrainn e ’aghaidh fhollach. Air deanamh suidhe dha, thubhairt e riumsa, “Ud ud, tha mise, air mo mhaslachadh, an diugh, am fianuis an t-saoghail. O, mar shàraich an duine ud mi.” Bha e ’na dhuine trucanta, tùrail. Nochd e ’n dà bhuadh sin, ann an coimhcheangal ri duine a bha’n Rànish—baile de ’n sgìre. Bha ’n duine sin cho lag ’s nach b’ urrainn e coiseachd do’n eaglais agus bhiodh an ceisdeir ’ga thoirt leis air a mhuin. Aon là, shaoil leis nach be laigse bh’ air an duine, ach leann-duth; agus thubairt e rìs, ‘O, mo chreach, Alasdair, sud tarbh fiadhaich Chrossboist! Is éigin domh do leigeal dhiom.’ ‘O, Mhurchaidh, a ghràidh,’ arsa Alascair, ‘na fàg mise aig an tarbh ge air bìth a ni thu. Marbhaidh e mi.’ ‘Mar fàg,’ ars’ an ceisdear, ‘is dòcha gu marbhadh e mi féin.’ Le sin, leag e Alasdair air an làr, agus ruith e. Ma ruith, cha b’ ann ’n a aonar. Bha Alasdair cho luath air a chasan ris féin. “Ach cuimhn’ is iomradh maith a chaoidh, Bidh air an fhìrean chòir.” TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. ALBERT HARTY, Greusaiche, Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail. Ri taobh stor D. L. MacFhionghain, SIDNI, - - C. B. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies, L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. J. D. W. CAIMBEUL. FEAR DEILBH THAIGHEAN. OIFIS:—ROSS BLOCK, P. O. BOX 41. SIDNI, - - - - C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 351] [Vol. 8. No. 44. p. 7] Mac Iain Ghearr. Tha cuimhn agam air latha araidh o chionn còrr agus deich-bliadhna-fichead a bhi ’g éisdeachd ri seann duine ’s e ’g ìnnseadh naidheachd mu Mhac-Iain-gheàrr. Bha ’n duine ’g radh gu robh a sheanair fein na aon de bhuidheann a lean Mac-Iain-gheàrr agus a chuìdeachd troimh Ghleann-siolastuir gu Caolus-Ullabha, ’s e ’n déidh na h-eich a ghoid orra. ’S minig a bhios uaill orm as na daoine bh’ ann a sud, tuath na ’m bailtean, gun airm ach bataichean daraich, gun cheannard, gun uair de thìom gu dianadh deas, ach co dhiu lean iad an creachadair ainmeil ud agus thug iad bhuaidh an cuid fein agus cuid dhaoine eile ann an dòigh a bha d-arìreadh cliùteach. Lean iad air sàiltean Mhic-Iain-gheàrr, fad an rathaid ’s gun fios aigesan gu ’n robh iad ann, agus se rinn iad direach mar a rinn “Wallace” aig Drochait Struila. Cha do bhrisd iadsan drochait chionn cha rohh i ann. Bha sgioba Mhic-Iain-gheàrr na bu treise na iadsan, agus bha fios acasan air a sin gle mhath. Ach dh’ fhuirich iad fad na h-uine gun smid a ràdh gus an d’ fhuair iad sgioba Mhic-Iain-gheàrr na ’n dà leath, an darna leath ann ’s na bàtaichean sa ’n leath eile air tìr ’s iad a toirt air bòrd nan each. Bha Mac-Iain-gheàrr na sheasadh ann am bàta, agus loth dhonn air thaod aige, an loth air tir agus fear eile ga putadh a stigh. An loth mar a ’s minig a bha seòrsa, a cur a casan a forcadh ’s gun i toileach dol ’n bhàta. Bha ’m fear leis am bu leis an loth ann am falach-tuìm, gun bhi fad ás, san uair a chunnaic e mar a bha dol, air a bhonnaibh a bha e, agus a chruinn-leum, bha e air a charraig ’s a tarrainn a chuaile mor daraich o chùl, bhuail e Mac-Iain-gheàrr air ghàirdein eadar an uileann sa ghualainn, ’s ag ràdh nam facail so—“Thig an loth leam fhin, a Ghilleasbuig.” Thuit làmh Mhic-Iain-gheàrr a sìos ri thaobh, leig so an loth maréir, ach leis nach robh an t-àite san robh i na seasaibh fuasach cònard, sa ’n uair thugadh spionnadh gàirdein Mhic-Iain-gheàrr bhar an taoid a bha na ceann thuit i, ach sann air muin an fhir a bha ga putadh a stigh do ’n bhàta. Ach dh’ éirich an loth ’s cha b’ fhada gus an robh i ann an làmhan an fhir a b fhearr còir oirre, ’s cha d’ fhuraich e fada shealltain co dhiu dh’ éirich an duine a thuit foidhpe ’s nach d’ éirich. Cha robh a chompanaich dad air dheireadh air, ann a bhi bualadh bhuilleann le ’m bataichean daraich, ri solus na rionnag ’s dh’ fhàg iad Mac-Iain-gheàrr sa sgiath slaoda ris mar fhaoilinn leòinte ann am port; ’n uair a fhuair iad a ’n cuid each leum iad air an druim; ’s math a b’ aithne dhaoibh féin ’s do na h-eich an rathad. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! Am bheil clo-bhualadh de sheorsa sam bith agad ri dheanamh? Ma tha, sgriobh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ag innse ciod a tha dhith ort. Gabhaidh am MAC-TALLA as laimh clo-bhualadh a dheanamh ann an Gailig no ann am Beurla, agus bi an obair air a deanamh cho grinn ’s cho math sa gheibh thu ann an aite sam bith. CLO-BHUALADH! CLO-BHUALADH! PUBLIC NOTICE Shorey’s Clothing is sold by Reliable Dealers only others cannot buy it, consequently you can be sure it is as represented. H. Shorey & Co., Montreal. Shorey’s All Wool Business suits Retailed at $8.00 Cannot be beaten. [TD 352] [Vol. 8. No. 44. p. 8] Bas Dhiarmaid. LE AILEIN MAC RUAIRIDH. ’N Gleann Sithe, ’n gleann so ri m’ thaobh ’S an cluinnear faodh ian is lon, ’S minic a bha laoich na Feinn’ Air a shrath an deidh an con. ’N gleann so fo Bheinn Ghuilbain ghuirm A’s aille tulchann fo’n ghrein, Cha b’ainneamh a shruthan dearg An deidh shealg o Fhionn na Feinn’. Eisdidh beag ma ’s aill leibh laoidh Air a chuideachd chaoimh so uam; Air Beinn Ghulbain ’s air Fionn fial, Is air Diarmaid tha sgeul truagh. Dh’ imir Fionn gu truagh a chealg Air Mac O Dhuinn bu dearg li, Le dhol do Bheinn Ghulbain a shealg Tuirc nach faodadh airm a chlaoidh. Mac O Dhuinn an airm aigh, Ged thorchuir a lamh an torc, Gheill e roimhe le foill Fhinn; Is esan a rinn a lochd. Dh’ fhalbhadh fo lagh teann na Feinn’ A chur na beist as a chnoc; An ceann torc sithe bu gharbh, A b’ allmharach calg is soc. Ri claisteachd comh-ghair nam Fiann An ear ’s an iar a teachd mu ’cheann, Dh’ eirich an uamh-bheist o shuain, Is ghluais e uatha do’n ghleann. Chuireadh ri faicinn nan laoch An ceann torc sith’ air fraoch bord, Bu gheire na gainne ’fhriogh, ’S bu treine Shith na gath-bolg. Le Mac O Dhuinn nan arm geur Fhreagradh do bheist ghairg an uilc, Thriall gath nimhneach trom o laimh, ’S chaidh an t-sleagh an dail na muic’. Bhrisd an crann aice na ’thri, ’S ceann liobhte air an torc, Chunna gaisgeach nam bas blath Nach deach i an sas na ’chorp. Tharruinn e ’n t-seann lann a truaill, A choisinn mor bhuaidh an air, Mharbh an gaisgeach calm’ a bheist, ’S thainig c-fein air ais slan. Thuirling sprochd air Fionn na Feinn’ Is shuidh e leis fein air cnoc, Mac O Dhuinn nach do dhiult daimh B’ olc leis a theachd slan o’n torc. Air dha bhith fada na ’thosd Thubhairt e, ’s gu’m b’ olc ri radh, Tomhais, a Dhiarmaid o ’shoc Cia meud troigh ’san ’torc so ta. Cha d’ dhiult e achanaic hFhinn, Ged b’ eol da a ti ’s a goimh; Thomhais e ’n torc air a dhruim, An laoch cuimte bu trom troigh. Tomhais, arsa Fionn, an nis, An aghaidh a fhriodh an torc, ’S gheibh thu do rogha d’a chionn De ghill nan arm rinn-gheur goirt. Dh’ fhalbh e air turus a ghaidh, Is thomhais e dhaibh an torc, Ghuin am friogh nimhe geur, garbh, Bonn an laoich bu gharg ’san trod. Thuit e an sin air an raon, Is fhuil a taosgadh gu luath, Na laighe ri taobh na beist Fhuair Fionn an treun-fhear gun chluain. Aon deoch a d’ chuaich thoir dhomhs’, Fhinn, ’S mi a call mo bhrigh ’s mo neart, Deoch gu brath cha’n fhaigh thu bhuams’ Fhreagair Fionn an gruaim a reachd. An gleann na seilge fo chriadh Tha Mac O Dhuinn cliabh nan cleachd. Aon mhacamh buileach na Feinn’ ’S an tulach so ’s leir dhuinn ’fheart. Seabhag buadhach Easa-Ruaidh, Fear a bhuidhneadh buaidh gach air, An deidh a thorchuirt le torc, Fo thulchann a chnoic so ta. Diarmad Mac O Dhuinn nan euchd A thuiteam troimh eud, mo bhron, Bu ghile ’bhraighe na grein, Bu deirg ’bheul na blath chne. Bu bhuidhe ’s bu mhin a bha fholt, Bu bharrghlan a rosg fo ’fhleasg, Bha guirme ’s glaise na ’shuil, ’S maise ’s caise ’n cul nan cleachd. Bha binne ’s grinneas na ’ghloir, ’S glle na ’dhoid bharr dhearg bhlath, Bha meud ’s tabhachd ’san laoch, ’Bu sheang is saor na ’chneas ban. Coimheadach is mealltair mna, Mac O Dhuinn a b’ fhearr buaidh, An t-suiridh cha tog a suil, O’n chuireadh uir air a ghruaidh. Faodh, voice. Comh-ghair, a simultaneous shout. Sith, onset. Gath-bolg, belly-dart. Bha ’n gath mharbhteach so air a chleachdndh le Cuchulainn is seann laoich eile. Ti, design. Gill, rewards. Gadh, peril. Gun chluain, without deceit. Dheanadh cuach Fhinn slan neach air bith a gheibheadh deoch aisde. Reachd, great vexation. Macamh, a young man. Buileach, handsome, courteous. Feart, a grave. Rosg, the eye. Fleasg, a wreath, a circle. Gloir no glor, talk. Bha Diarmad na dhuine anabarrach briagha, agus cha ghabhadh e leon ach air ball beag a bha air bonn a choise. Nuair a bha Fionn na ’bhanntraich, agus e gu math sean, phos e nighean do ’m b’ ainm Grainne. Cha robh Grainne ag iarraidh Fhinn. B’ fhearr leatha gu mor Oisean a mhac, ach cha ghabhadh Oisein gnothach rithe. Air oidhche na bainnse thug i deoch-cadail do dh’ Fhionn, agus choitich i Diarmad gu teicheadh air falbh leatha. Bha Diarmad is Grainne re uine mhoir air theicheadh. Bha sluagh na duthcha gu laidir air an taobh is cha b’ urrainn Fionn an glacadh. Mu dheireadh rinn Fionn reite ri Diarmad. Fhuair e an sin a mharbhadh le a chur a shealg ’s a thomhas an tuirc. ’S e mac peathar da a bh’ ann an Diarmad. Bha Fionn na dhuine glic, ach bha e gle amaideach dha nighean og nach robh ga ’iarraidh a phosadh. ’S fhearr do dh’ fhear a tha ag iarraidh mnatha an te a tha coma air a shon a sheachnadh. Criomag de Mharbhann. LE IAIN GRANNDA, D’ AM BU CHO-AINM IAIN MAC EOGHAN BHAIN. Iain mhoir bu mhath cumadh, Thug thu barr air gach duine, ’Righ, bu shar mhath an curaidh measg sluaigh thu; Iain mhoir, &c. Le do thargaid, ’s do chlaidheabh, Air do shliasaid na ’laighe, Mar ri bogha nan saighead bu chruaidhe. Nuair a dheanadh tu ’ghlacadh Rachadh direach mar dhearcadh, Naile bhrisdeadh e chairt air am buaileadh. Cha ’n fheil an coir de ’n tuireadh so air sgeul. B’ e Iain Mor an treas Granndach a bha na ’thriath air Gleann Moireastan. Theirteadh Iain Mor a Chaisteil ris. Chaochail e ’sa bhliadhna 1637. ’S Dubh ’Choisich Mi ’n Oidhche. ’S dubh ’choisich mi ’n oidhche, Chum na maighdne ’bu bhoidhche; Chaidh mi corr a’s naoi mile, Anns an tir ’s gu’n mi eolach. ’N uair a rainig mi ’m baile, Cha robh dad mar bu choir dha; Bha na mnathan a’ fuaghal, ’S bha na gruagaichean bronach. Bha mo ghradh-sa ’bu dilse, Na sineadh ’s an t-seomar— Na sineadh fo’n ’uinneig. Far nach cluinn’dh i mo chomhradh: Na ’laidhe air deilidh, Na ’leinidh fhuair, reodhta; A falt mar an dithean Bhios ag cinntinn ’s an eorna. ’N uair a chuireadh i oir ann, ’S ann a chiteadh fiamh ’n oir air; Bha i maiseach a’s beusach, Bha i speiseil neo-sporsail. ’Fhir a chruthaich an saoghal, Cum mi gun fhas gorach; Cum mo chiall rium ’s mo thuigse, Gus an tig thu ga ’m fheoraich. ’S dubh ’choisich mi ’n oidhche, Chum na maighdne bu bhoidhche; Chaidh mi corr ’s naoi mile, Anns an tir ’s gun mi eolach. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbury, Nov. 27 ’99. Cape Breton. MA THA THU AIR SON CARBAD FASANTA bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON:—Buggies, Phætons, Expresses, agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla THIG G’AR COIMHEAD. Tha stoc math de THOMBACA, CIGARS agus CIGARETTES againn, agus creicidh sinn beagan no moran riut. BORBAIREACHD anns a bhuth cheudna. Cuir deuchainn oirnn. Theid sinn an urras air an obair. Z. TINGLEY. Oct. 27, ’99.—6m. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. $10,000.00. Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le Matheson, Townsend & Co., Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa. Anabarrach Saor! Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. [TD 353] [Vol. 8. No. 45. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 15, 1900. No. 45 Mar a Fhuair Eoghainn Ban Bean. Fada mu’n d’ rugadh a h-aon dhinn, bha duine còir, glic, soitheamh ann, do’m b’ ainm Fionnladh. Cha ’n ’eil fhios aig duine beò ciod bu shloinneadh dha. O nach robh Fionnladh anns an àite ach e fhein, cha chainteadh ris ach Fionnladh. An uair a chunnaic Fionnladh an t-àm iomchuidh phòs e, mar is minic a rinn iomadh fear dhe sheòrsa, te nach robh glé fhreagarrach air fear a bh’ anns an t-suidheachadh anns an robh e. Cò an té ’phòs e ach Mairi Bhàn nighean a mharsanta. Tha e air aithris nach robh té eile ’san dùthaich gu léir cho mòr ’s cho briagha rithe an uair a bha i eadar ochd deug is fichead bliadhna. Bha i cho dìreach ri saighead, agus bha gach ball dhe a ballaibh cho dealbhach ’s cho cuimir ’s a’ b’ urrainn a bhith. Bha dà shuil mhòra, ghorma, mheallach ’na ceann a bheireadh air fear sam bith tuiteam ann an gaol oirre; bha sròn fhada dhireach oirre, agus bha a beul boidheach, cuimir, agus a smig goirid. Agus bha falt réidh, fallainn, buidhe-bhàn oirre a ruigeadh sios gu bann a gùin an uair a bheireadh i a pasgadh e. A dh’ aon fhacal, bha i ’na boirionnach òg cho dreachar ’s cho eireachdail ’s gu’n deachaidh a h-ainm fad is farsuinn. Tha e air aithris gu’n robh i ciuin, modhail, soitheamh, glic, gu leòr. Agus, mar a bha nàdarra gu leòr, bha h-uile gille òg bu bhragaile ’s bu spaideile ’s bu spòrsaile a bh’ anns an dùthaich a’ bristeadh an cridhe ’s an cnàmh as a déigh. Chumadh i an aon aoidh air a gnùis ris a h-uile fear a thigeadh. Agus cha b’ urrainnear a dheanamh am mach cò am fear bu docha leatha dhiubh. Ged a bha an dòigh a bh’ aicese a’ còrdadh gle math rithe fhein, cha robh i a’ cordadh cho math ris na fleasgaich bhragail, mhòr-chuiseach a bha i, mar bu trice, a’ cur o chadal na h-oidhche, leis an toil a bh’ aca greim fhaotainn oirre. Is e thàinig as a’ chùis air a cheann mu dheireadh, gu’n d’ fhàgadh Mairi, mòr, briagha, ciùin, sìobhalta ’s mar a bha i, ’na seana mhaighdinn. Tha e air aithris, ma ’s e no nach e an fhìrinn a th’ ann, gu’n do chuir na leannainn an cùl rithe, cha b’ ann a mhàin a chionn gu’n robh i a’ cumail laimhe ris a h-uile fear a thigeadh, ach a chionn gu ’n d’ fhuaradh am mach nach robh sgillinn airgid aig a h-athair ma seach. Aig an àm ud dh’ fheumteadh an tochradh a bhiodh a h-athair gus a thoirt dh’ a nighinn ainmeachadh oidhche an réitich. A bharrachd air so, bha e air aithris gu’n robh Mairi gaolach air an tì. Anns an àm ud bha barrachd dimeas air te a ghabhadh an tì gun fhios, na tha ’n diugh air te a ghabhas an dram gun fhios. Ach nan robh na fir a’ saoilsinn gu’n robh deannan math airgid aig Mairi, phòsadh fear sam bith dhiubh i ged a bhiodh an “te bheag ruadh” ann an oir na luathadh gun tighinn as. An uair a chaidh an t-ainm fad’ is farsuinn gu’n robh Mairi trom air an tì, agus a sguir gillean òga na dùthchadh a dhol rathad an taighe, thug i dùil thairis car ùine nach fhaigheadh i tairgse pòsaidh gu brath. Ach an uair a thainig Fionnladh do’n dùthaich, agus a ghabh e cruit fhearainn faisg air fearann a mharsanta, thoisich e ri deanamh suas ri Mairi. Agus mu’n robh eolas leith bhliadhna aca air a chéile, phòs iad. Cha robh de theaghlach aca ach an aon mhac, Eoghainn. Agus a chionn gu’n robh Eoghainn no dha eile anns an aon bhaile riutha, agus o’n a bha pailteas de dh’ fhalt buidhe-bhàn air mar a bh’ air a mhàthair, b’e Eoghainn Bàn a theireadh a h-uile duine ris. Dh’ fhàs Eoghainn suas gu bhith na ghille òg cho àrd o thalamh ri fear a bha beò ’s an aite ri’ linn. Bha sia troidhean is ceithir òirlich a dh’ àirde ann. Agus a bha e direach gu leòr air a bhonnan. Cha robh e cho garbh ann an cnaimh ri iomadach fear. Rud eile dheth, bha e anabarrach fad-chasach, no, mar a theirteadh aig an àm ud, “bha moran sgoilte dheth.” Cha robh e a leith cho làidir ’s a bha e fhein an dùil. Ach b’ ainneamh àite anns am faighteadh cosanaiche cho math ris. Cha robh car a dh’ obair tuathanaich nach deanadh e gu snasail. Bha athair ’na dhuine cho dòigheil ’s a bh’ anns an àite, agus ged nach robh e comasach air mòran obrach a dheanamh ’s an àm ’s an d’ thainig Eoghainn gu neart, dh’ ionnsaich e dha mar a dheanadh e gach obair gu snasail. Ged a bha Eoghainn àrd o thalamh agus ’na dheadh chosnaiche, agus cho iomchuidh ’s cho modhail ri fear sam bith eile, bha e car socharach. Chreideadh e, cha mhòr, a h-uile naigheachd a dh’ innseadh daoine dha. Bu ghlè thoigh leis a bhith ’ga mholadh, gu h-àraidh nam biodh na h-igheanan òga ’ga mhòladh. Bha caileag bhoidheach, thapaidh anns an àite, agus bha i anabarrach cuireadach. Bha i ’leigeadh oirre gu ’n robh gaol aice air Eoghainn, agus bu ghlé thoigh le Eoghainn a bhith gu tric ’na cuideachd ’s ’na comhradh. Bha e ’smaointean gu’n deanadh Anna Bheag, mar a theirteadh rithe, bean anabarrach math dha. B’e an aon chron a bh’ aige oirre gu’n robh i cho beag ’s nach ruigeadh i ach an uileann dha. Ach ged a bha e sìor fhàs na bu mheasaile oirre a h-uile latha mar a bha e ’fàs na b’ eòlaiche oirre, is gann gu’n leigeadh a mhisneach dha aon fhacal leannanachd a radh rithe. Bha i cho math gu tarruinn as, ged nach robh gaol sam bith aice air, ’s gu ’n d’ thug i air mu dheireadh thall gu’n d’ innis e dhi gu’n robh e deònach a pòsadh. Is e thainig as a’ chùis air a cheann mu dheireadh gu’n robh e a’ cur roimhe gu’m pòsadh e i am muigh ’s am mach. Cha robh fhios aig Anna ciod air an t-saoghal a dheanadh i. Bhiodh e air an troidh ’s air an òirlich as a deadhaidh. Is gann gu’m faigheadh i a dhol a fad fhein o’n taigh gun e thachairt rithe. Latha de na laithean thachair e rithe ’s i ’dol air cheann turuis do ’n Chlachan. Lean iad greis air bruidhinn mu chaochladh nithean. Ach mu dheireadh thug Eoghainn iomradh air posadh. “A nis, Anna,” ars esan, “ged nach do gheall thu as is as mo phòsadh, cha do dhiult thu mi Thoir domh an darna fios mu’n teid sinn as a so. Biodh an gnothach air no dheth gun an corr a bhith m’a deidhinn. An uair a thuirt e so, rug e air laimh oirre gu teann cruaidh. Cha robh fhios aig Anna ciod a theireadh i. Cha bu toil leatha cur am mach air, agus idir cha’n aidicheadh i gu’m pòsadh i e. An uair a bha i greis ’na tosd, agus a sùil air an làr ’s i ’dol gu dlùth fo a smaointean feuch ciod bu chòir dhi a radh, sheall i air an clàr an aodainn, agus thuirt i, “Posaidh mise thu gun teagamh ma gheallas tu gu’n dean thu dail gus am fàs feusag ort. Agus is cinnteachd nach bi an ùine sin fada; oir tha mi ag aithneachadh air do pheirceall nach ’eil thu leigeadh moran fois do ’n ràsair.” An uair a chual Eoghainn so bha e toilichte gu leor. Bha e ùine mhath roimhe sid a’ sgriobadh a pheircill gu math tric leis an ràsair; ach ma bha, bu bheag a bh’ aige air son a shaoithreach. Bha a dha pheirceall fad uile laithean a beatha cho lom ’s cho mìn ri aghaidh maighdinn. Ach cha d’ thug e riamh dùil thairis nach fhàsadh feusag air. Air an fheasgar ud fhein, chaidh Eoghainn far an robh Domhull Tàillear, agus dh’ innis e dha gu’n do gheall Anna a phòsadh cho luath ’s a dh’ fhàsadh feusag air. “A nis, o’n is duine fiosrach th’ annad, a Dhomhuill,” ars’ Eoghainn, “innis dhomhsa ciod an dòigh leis an toir mi air an fheusaig fàs. Bheirinn na chunnaic mi riamh air son uiread a dh’ fheusaig a bhith orm ’s a th’ ort fhein. Cha chreid mi gun d’ fhuair thusa mòran dragha leatha an uair a thòisich i ri fàs ort.” Bha Domhull Taillear ’na dhuine cho éibhinn ’s cho aucaideach ’s a bh’ anns an dùthaich ri’ linn. Ciod sam bith cho éibhinn no cho mi-choltach ’s a bhiodh aon naigheachd a dh’innseadh e, cha tigeadh uiread is fiamh gaire air a ghnùis. Bha fhios aige gu’n creideadh Eoghainn Bàn a h-uile facal a theireadh e, agus thuirt e, agus aghaidh air cho fada ri fear a bhiodh aig torradh, “Innsidh mise dhut, Eoghainn an rud a’s fhearr dhut a dheanamh. Sguir dhe ’n obair a th’ agad air d’ aodann. Tha thu a deanamh tuilleadh ’s a’ chòir de nigheadh air. Na cuir boiseag air ach uair ’s an t-seachdain, agus suath cuid mhath de shiapunn ri do dhà pheirceall a h-uile oidhche an uair a bhios tu ’dol a laidhe. Fasaidh an fheusag mòran na’s fhearr anns an t-salachar na dh’ fhasas i anns a ghlaine. Ma ghabhas tusa beachd air, chi thu gu’m bheìl mòran feusaig air na daoine nach bi tric a’ nigheadh an aodainn.” Chreid Eoghainn a h-uile facal dhe na thuirt an taillear ris. An oidhche ud fhein chuir e siapunn gu leòr ri dhà leithcheann, agus an uair a dhùisg e ’s a’ mhadainn, is gann nach d’ fhalbh an craicionn bhar nam peirclean aige mu’n d’ fhuair e e-fhein a nigheadh o’n t-siapunn. Ciod a thachair a bhith ann ach siapunn geal—droch shiapunn, tha iad ag radh,—agus an uair a thiormaich ’s a chruadhaich e air peirclean an duine bhochd, cha b’ urrainn da an nigheadh gus an do [TD 354] [Vol. 8. No. 45. p. 2] ghabh e dhaibh gu math le uisge blàth. An uair a fhuair a mhàthair am mach mar a bha cùisean, thòisich i ri ’chomhairleachadh. “Nach bu tu an t-amadan truagh le d’ obair ort! Fasaidh feusag ort an uair a thig an t-àm freagarrach. Agus mur fàs, nach coma dhut co dhiubh. Cha ’n ’eil a ghobach bheag, charach ach a’ feuchainn ri culaidh-mhagaidh a dheanamh dhiot. Na biodh cuid no gnothach agad rithe. Ise, an creutair beag, suarach, ciod a dheanadh i do d’ leithid-sa de dhuine mòr, eireachdail. Ged a phòsadh tu i, bhiodh an treas cuid dhiot ’na bhantraich. A bharrachd air sin, cha ’n ’eil i o theaghlach ceart. Bha h-uile aon dhe ’n treibh o’n d’ thainig i cho magail ’s cho math gu ruith sios dhaoine eile ’s gu’n cuireadh iad leamhadas air na coin. Ma phòsas tusa i, cha bhi latha toilichte agad fhein, no idir agamsa, ri ar beo. Tha nigheanan ciùine, còire, dreachar aig Seumas Mac Alasdair, anns a’ Bhail, Ard, agus ma theid thu dh’ iarraidh te dhiubh, is neònach leamsa mur faigh thu i. Ma theid iad ri am màthair, theid mise an urras gu’n dean iad mnathan-taighe cho math ’sa bhios anns an dùthaich. Ach tha ceathrar nighean air an tabbh so dhe ’n dùthaich, agus, ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, seachnaidh tu iad mar gu’n seachnadh tu a’ phlàigh. Cha bhi rath air fear gu bràth a phòsas té seach té dhe’n cheathrar. Is iad so, nighean ruadh bheag Lìrinnis, nighean ruadh mhòr Thaobh an Locha, tuba dubh Dhomhuill ’ic Iain, ’s nighean sgleòt-shuileach Neill.” Dh’ éisd Eoghainn glé fhoighidneach ris na thuirt a mhàthair ris. Bha meas anabarrach mòr aige oirre. Bha e an dùil nach robh a leithid eile air uachdar an t-saoghail. Bha e aig an àm air fàs car suarach mu Anna bhig ruaidh Lirinnis; oir thuig e gur ann a’ magadh air a bha i an uair a thuirt i ris gu’m pòsadh i e an uair a dh’ fhàsadh feusag air. Bha amhrus làidir aige gu’n robh Domhull Taillear a’ fanaid air mar an ceudna, ach cha do leig e dad air. Bha e gleusda gu leòr, ged a bha car g’a dhìth. An ùine gun bhith fada, chaidh e air chéilidh do thaigh Sheumais ’ic Alasdair. Bha Seumas Mac Alasdair glé chaoimhneil ris; oir bha eolas math aige air ’athair ’s air a mhàthair. Bha bean Sheumais agus an triuir nighean aoidheil, caoimhneil, fosgarra ris mar bu ghnàth leotha a bhith ri duine sam bith a rachadh thun an taighe. Bha Mairi gu math na bu chomhraitiche gu nàdarra na Peigidh is Seonaid, agus air an aobhar sin bhuail e anns a cheann aig Eoghainn gu’n do thuit i ann an gaol air. Ach cha robh Mairi cho fada air a h-ais ’s gu’n tuiteadh i ann an gaol air fear sam bith a rachadh air chéilidh do’n taigh aca. Dh’ aithnich i glé mhath an oidhch’ ud gu’n robh toil aig Eoghainn deanamh suas rithe, agus cha d’ thug i mi-mhisneach sam bith dha. Bha i coltach ri iomadh te eile dhe seorsa—bha i deas gus greis dhe’n ùine a chur seachad comhladh ri gille òg modhail sam bith a rachadh rathad an taighe. O’n a thainig Eoghainn air astar math, agus o’n a bha eòlas math aca air ’athair ’s air a mhathair, cha leigeadh Seumas no a bhean air falbh an oidhch’ ud e gus an gabhadh e greim suipearach. Bha Mairi, a thaobh gu ’n robh i glé chòir gu nàdarra ag iarraidh air fuireach fad na h-oidhche, agus a’ réir choltais, bha i na bu deònaiche air Eoghainn a chumail ri’ shuipear na h-aon de’n dithis eile. Thug Eoghainn an aire dha so, agus o nach robh eolas aige air muinntir an taighe, bha e an dùil gu robh iad uile a’ toirt misnich dha gus Mairi a phòsadh. Bha greis mhath dhe’n oidhche air a dhol seachad mu’n d’ fhalbh e a taigh Alasdair. Bha e cho geanail ’s cho sunndach ri mac mathar a bh’ anns an dùthaich. Cha robh sùrdag a bheireadh e as a’ falbh dhachaidh nach robh faisge air dà shlait air fad. Cha shealladh e c’ait an cuireadh e a chas, agus an uair a rainig e an taigh, bha bhriogais salach thun nan glùinean. Bha e ’g a dheanamh fhein làn chinnteach nach biodh an ùine fada gus am biodh Mairi nion Alasdair ’na laidhe air an aon chluasaig ris. (Ri leantuinn.) DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XX. An déigh do’n aoradh a bhith seachad ghrad thòisich iad ri deasachadh bìdh. Bha iad le chéile acrach gu leòr; oir thug sealladh dhe ’n phailteas bìdh a bha fo’n t-seòl géireag mhath dhaibh. B’ aithne dhaibh le cheile beagan còcaireachd a dheanamh. Ach ged a bhiodh a’ chòcaireachd na bu mhiosa na bha i, dheanadh i an gnothach dhaibh aig an àm. Mar a thuirt am fear roimhe:— “Is math an cocaire an t-acras; ’S mairg a ni tailceis air biadh; Fuarag eorn’ a sail mo bhroige Biadh a’s fhearr a fhuair mi riamh.” An uair a ghabh iad dhe’n bhiadh na thàinig riutha ’s a leugh iad litir an sgiobair, thug iad taing do Dhia air son a chaoimhneas-graidh agus a chaomh-thròcairean dhaibh. Ged a bha’n t-Sàbaid ann, thug iad anns ’a mhionaid làmh air àite ’dheanamh anns an cuireadh iad seachad an oidhche. Bha’n cuid dhe ’n t-saoghal an làthair fa’n comhair, agus cha robh iad a’ faicinn gu’n robh e ceart dhaibh ni sam bith dheth a leigeadh a dholaidh. Ghearr iad maidean freagarrach anns a’ choille faisge orra, agus ann an ùine ghoirid rinn iad bùth a bha farsuinn gu leòr air son gach ni a bh’ aca a thasgadh gu cùramach, agus àite cadail a bhith aca. Bha iad cho sona ’s bha ’n latha cho fad; oir bha iad a’ smaointean, eadar na bh’ aca de bhiadh agus na chothaicheadh iad le iasgach ’s le sealgaireachd air muir ’s air tìr, nach biodh éis sam bith orra ged a bhiodh iad latha ’s bliadhna air an eilean. Am beul anamoch na h-oidhche sgaoil iad an t-aodach-laidhe air an làr, chuir iad dhiubh, agus chaidh iad a laidhe an déigh dhaibh iad fhein a chur air chùram Dhe. B’ e so a’ cheud uair a chuir iad dhiubh an aodach o’n a dh’ fhalbh iad as an luing, agus, mar a dh’fhaodar a thuigsinn, chaidil iad gu samhach, trom gus an robh a’ ghrian greis air éirigh. Dh’ éirich iad le sunnd ’s le aoidh nach robh orra fad iomadh latha roimhe sin. An deigh dhaibh am biadh a ghabhail thòisich iad ri cur gach ni an òrdugh cho mhath ’s a ghabhadh deanamh. Mu ’n d’ fhuair iad gach ni deiseil gu am miann, bha earrann mhath dhe’n latha air a dhol seachad. Aird fheasgair thog iad orra agus dh’ fhalbh iad a shealgaireachd. Shoirbhich gu math leotha, oir mu ’n do thuit an oidhche thill iad dhachaidh agus eallaich an droma orra de sheilg. An la-iar-na-mhàireach shuidhich iad eatorra fhein gu’m feuchadh iad ri ràth a dheanamh gus a bhith ’dol am mach beagan o’n chladach a dh’iasgach. Cha robh e furasda dhaibh an ràth a dheanamh ged a thoisich iad ris; oir cha robh dòigh aca air na maidean a cheangal ri ’cheile ach le cranntairnean. Agus cha robh inneal aca leis an deanadh iad tuill do na cranntairnean ach a’ bhiodag. Coma co dhiubh, o’n a bha iad le chéile aontach agus suidhichte gu’n deanadh iad an ràth, ghearr iad maidean fada, direach anns a’ choille, agus shnaidh iad na taobhannan aca cho math ’s cho comhnard ’s a b’ urrainn daibh leis an tuaidh, far an robh meuran annta, air dhoigh ’s gu’n robh iad air an dlùthachadh ri’ cheile na b’ fhearr na shaoileadh duine. Chuir iad maidean eile tarsuinn orra so, agus cheangail iad gu math iad le crann-tairnean. B’ e tuill a dheanamh anns an rachadh na crann-tairnean an obair bu doirbhe a bh’ aca ri dheanamh. Thug iad an toiseach oidhirp air na tuill a dheanamh le bhith cur na biodaig mu’n cuairt mar gu’m biodh iad a tolladh le tora; ach cha robh iad a’ deanamh aghartas mòr sam bith leis an obair so. Bha ’m fiodh cho ùr ’s cho ruidhinn ’s nach robh e furasda ri tholladh. An ceann latha no dhà an déigh dhaibh a bhith ’g obair gu trang air tolladh, dh’ fhàs iad cho sgith dheth ’s gu’n robh iad ag ràdh ri cheile gu ’m bu cho math dhaibh stad. Ach bha iad cho diorrasach ’s gu’n do chuir iad rompa gu’n cuireadh iad crìoch air an obair ged a bheireadh iad leith-bhliadhna oirre. Mar so lean iad rompa o latha gu latha gus mu dheireadh an do chuir iad crìoch air an ràth. Ged a chaith iad corr is mios ag obair air, bha iad toilichte gu leòr dhiubh fhein an uair a bha iad ullamh dheth. A chum gu’m biodh e na b’ fhusa ri ’iomradh rinn iad an toiseach aige biorach agus an deireadh leathainn air chumadh geòla. Rinn iad dà ràmh dha, agus crann, agus seòl beag. Ach ma fhuair iad dragh a’ deanamh an ràth is ann a fhuair iad an dràgh ’g a chur am mach. A chum gu’m biodh e furasda dhaibh a chur am mach chuir iad ’ra cheile e cho dlùth air a’ mhuir ’s a b’ urrainn daibh. Ged nach robh e dà shlait o’n chladach, bha e cho trom ’s nach tugadh iad noideadh as an uair a thòisich iad ri chur am mach. Na’n do smaoinich iad an am a bhith ’ga dheanamh gu’m biodh e cho trom au uair a bhiodh e ullamh, bha iad air lunnan a chur fodha, a chum gu’m biodh e ’na b’ fhusa ri chur am mach. Ach ged a bhiodh lunnan aca fodha, bhiodh an diol aca ri deanamh mu’n cuireadh iad air flod e. An uair a chunnaic iad mar a bha cuisean, cha robh aca ach feuchainn ris a’ bheairt a b’ fhearr a’ dheanamh dhe’n bheairt bu mhiosa. A chum gu’m biodh e gu math socrach, sabhailte an uair a rachadh iad gu muir leis, rinn iad e na bu mhò na ruigeadh iad leas. An uair a thug iad fad an latha air obair chruaidh feuch am faigheadh iad a chur air bhog, thuig iad nach rachadh aca air a chur air bhog gu brath mar a bha e. Mu dheireadh cha robh aca ach tòiseachadh ri dheanamh beag leis an t-sàbh ’s leis an tuaidh. Thug an obair so dà latha dhiubh; oir cha robh air an t-sàbh ach droch fbaobhar agus bha cuid dhe’n fhiodh anns an robh mòran bìth. Ach a dh’ olc no dh’ éiginn g’ an d’ fhuair iad chaidh aca mu dheireadh air a dheanamh cho beag ’s gu’n gabhadh e togail gus lunnan a chur fodha. Air a’ chòigeamh latha chaidh aca air a chur far an togadh an làn e. Bha iad anabarrach toilichte chionn gu’n deachaidh an obair leotha air a’ cheann mu dheireadh ged a fhuair iad dragh is saothair gu leor rithe mu’n do chuir iad crìoch oirre. An uair a dh’ éirich an làn ’s a chaidh an ràth air bhog, cha mhòr nach robh e uile fo’n mhuir. Bha ’m fiodh cho ùr ’s cho trom ’s gur gann a dh’ fhanadh e an uachdar. Cha robh aca an uair sin ach teannadh ri tuilleadh dhe’n fhiodh cho eutrom ’s a gheibheadh iad a chur air uachdar a chum gu’n snàmhadh e na b’ aotruime. An là-iar-na-mhàireach fhuair iad uidheam iasgaich air dòigh, agus an uair [TD 355] [Vol. 8. No. 45. p. 3] a dh’ iomair iad an ràth mu dhà cheud slat o thir ’sa chuir iad am mach cruaidh, leig iad sìos na duirgh. Cha robh iad fada gus an d’ fhuair iad cuid mhath éisg. Cha robh fhios aca ciod an seòrsa éisg a bh’ ann, oir cha’n fhac’ iad a leithid riamh. Ach bha fhios aca gu’n robh e math gu leòr air son itheadh. Aird fheasgair dh’ iomair iad gu tìr, agus ged a bha iad sgìth is acrach gu leòr, bha iad glé thoilichte gu’n deachaidh gach cùis leotha gle mhath. A chum sgeul goirid a dheanamh dheth foghnaidh dhuinn a ràdh, gu ’n robh iad fad thrì miosan a’ cur seachad na h-ùine cho toilichte ’s a b’ urrainn a bhith. Bhiodh iad latha ri sealgaireachd, latha eile ri iasgach, agus latha eile a’ cruinneachadh connaidh ’s ga chur ma seach air son a’ gheamhradh. A dh’ aon fhacal, b’ ainneamh leotha bhith latha seachdain ’n an tàmh. Ged a bha iad a’ faotainn pailteas éisg faisge air a’ chladach, bha car de thoil aca ’dhol na b’ fhaide o thìr, an dùil gu’m faigheadh iad seòrsa éisg bu mhò ’s a b’ fhearr na’n seòrsa bha iad a’ faighinn faisge air tìr. Latha de na làithean chaidh iad am mach o thìr gu math na b’ fhaide na b’ àbhaist dhaibh. Bha’n latha ciùin, blàth, agus b’ fheudar dhaibh iomradh gu cruaidh gus an d’ ràinig iad an grunnd iasgaich a chuir iad rompa ’ruighinn. O’n a dh’ fhalbh iad gu math tràth, thug iad leotha beagan bìdh air eagal gu’m buaileadh an t-acras iad mu’n tilleadh iad air ais. Thug iad leotha ’n seòl mar a b’ abhaist dhaibh; oir bhiodh a’ ghaoth a’ séideadh thun an fhearainn mar bu trice a h-uile feasgar. Thug iad an gunna leotha mar an ceudna, gun fhios ciod a thachradh. An uair a chaidh iad fada gu leòr o thìr ’s a leig iad am mach a’ chruaidh cha robh de ròp’ aca na leigeadh thun a’ ghrunna i. An uair a chunnaic iad so,thug iad oidhirp air tilleadh Ach ma thug, cha deanadh sin feum dhaibh. Anns an àm bha sruth an tràghaidh air beothachadh gu làidir, agus ged a bhiodh bàta beag aotrom aca, bhiodh an dìol aca a h-iomradh gu tìr. Ach ged a bha amhrus làidir aca nach rachadh aca air tìr a thoirt am mach, chuir iad rompa gu’n tugadh iad oidhirp cho math ’s a b’ urrainn daibh. A dh’ aindeoin na rinn iad a dh’ iomradh, bha ’n sruth ’g an sìor thoirt air falbh. Mu dheireadh an uair a chunnaic iad nach deanadh e feum dhaibh a bhith strìth na b’ fhaide, shaor iad na raimh agus shuidh iad gu socrach ’s iad air an claoidh gu mòr. An ùine gun bhith fada thuit an oidhche, agus chaill iad sealladh air an eilean. Bha iad a cumail suas am misneach cho math ’s a b’ urrainn daibh le bhith smaointean gu’n rachadh aca air faighinn air falbh a coileach an t-sruth an uair a bhiodh e faisge air muir làn, agus gu’n ruigeadh iad an t-eilean gu math tràth ’s a’ mhadainn. Ach cha robh sin cho furasda dhaibh ’s a bha iad an dùil. Chaill iad an cùrsa gu buileach mu ’n d’ thainig an latha; oir ged a chaidh aca, an uair a bha’n sruth a’ teannadh ri tilleadh, air an ràth iomradh pìos math air falbh, cha b’ ann air tìr an thug iad an aghaidh idir. An uair a shoilleirich an latha, cha robh fearann sam bith ri ’fhaicinn ach gann air eiginn. Am beagan fearainn a bha iad a faicinn, cha robh iad ’g a choltachadh ri fearann an eilean as an d’ fhalbh iad, oir bha iad aig an àm a’ dichuimhneachadh nach e an sealladh a bhios aig daoine air an fhearann an uair a bhios iad air tìr a bhios aca air an uair a chì iad bhar na mara e. Aig an àm bha iad cho sgìth ’s nach b’ urrainn daibh buille iomraidh a dheanamh. Bha iad mar an ceudna air thuar am misneach a chall buileach glan. Bhuail e anns a cheann aca nach robh rompa ach an grad bhàs. Ged a bha ’n t-acras orra cha b’ e bu mhò a bha ’cur dragh orra; oir bha biadh aca air an ràth. Ach bha iad air tìormachadh leis a’ phaghadh. Chuir iad mòran falluis dhiubh ag iomradh, agus air an aobhar sin bha paghadh anafarrach mòr orra. Ach gu mi-fhortanach, cha do smaoinich iad air deur uisge a thoirt leotha. Thòisich iad ri òl an t-sàile; ach mur bu mhisde iad sin, cha b’ fheairrde iad dad e. Mu dheireadh, eadar sgios, agus fannachadh a chion bìdh is dibhe, thuit iad ’nan cadal. Dhùisg iad le crith fhuachd; oir ged a bha ’n t-sìde cho blàth ’s nach biodh fuachd sam bith orra fhad ’s a dh’ fhanadh iad ’n an dùsgadh, dh’ fhàs iad glé fhuar ’n an cadal. Anns an àm bha ’n sruth air an toirt air falbh cho fada ’s nach robh ploc fearainn ri fhaicinn. Thug iad dùil thairis dhe ’m beatha buileach glan; ach ged a thug, thug iad oidhirp air beagan dhe ’n bhiadh a bh’ aca itheadh. Bha iad a’ tumadh nam brioscaidean anns an t-sàile agus ’g an itheadh. Ged a thug am biadh beagan do neart dhaibh, bha iad cho trom-inntinneach ’s nach dùirigeadh iad ach gann facal dhe ’n bhruidhinn a dheanamh. Bha iad, mu ’n do thuit an oidhche, cho coma dhe ’m beatha ’s gu ’m b’ fhearr leotha a bhith marbh na bhith beò. Am beul anamoch na h-oidhche an uair a bha iad air thuar tuiteam anns an ath chadal, chual’ iad fuaim mar gu ’m biodh muir a’ bristeadh an taobh thall dhiubh. Ciod a bha ’n so ach àireamh dhe ’n iasg ris an canar, an sarc, agus iad a’ deanamh dìreach air an ràth. Ann an tiotadh chuartaich iad an rath, agus bha iad a’ cur an cinn an uachdar feuch am faigheadh iad gréim orra. Thug Callum làmh air a’ ghunna, agus thoisich e ri losgadh orra; agus o ’na bha iad cho dlùth dha, bha e ’cur nan sùl asda, agus ’g am marbhadh. Bha Domhull a’ gabhail dhaibh leis na ràmh a h-uile uair a chuireadh fear dhiubh a cheann an uchdar dlùth do ’n ràth. An uair a mharbhadh ’s a leònadh àireamh dhiubh, dh’ fhalbh càch. Rinn so feum do Dhomhull ’s do Challum nach do shaoil iad aig an àm. Chuir e dhiubh an cadal; oir ged a bha iad aig an àm an déigh dùil thairis a thoirt dhe ’m beatha, b’ fhearr leotha bàs sam bith eile fhulang na bhith air an cagnadh ’s air an itheadh le uile-bhiastan na mara. Agus na ’n do thuit iad ’nan cadal air an oidhche ud, is docha gu ’n robh iad air bàs fhaotainn leis an sgios mu ’n d’ thainig an ath mhadainn, no air an itheadh beò. Shuidhich iad eatorra fhein, an uair a thuit an oidhche, nach leigeadh an dara fear leis na fhear eile cadal ged a b’ eiginn daibh a bhith ’ga chrathadh ’s ’ga bhualadh ’s a’ stealladh an t-sàile air a cheile. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. X. Am feadh ’s a bha Nouredin ag ol an fhiona, ghearr Bean na Maise ubhal ’na da leith agus thairg i an darna leith dhith do Abraim, ag radh, “Ged a dhìult thu am fion ol, tha mi ’creidsinn nach diult thu blasad air an ubhal so; tha i anabarrach math.” Cha robh e ’n comas do dh’ Abraim an ubhal a dhiultadh as a laimh, agus an uair a ghabh e uaipe i rinn e beic, agus thoisich e ri ’h-itheadh. Bha i ’labhairt ris gu h-iriosal caoimhneil aig an am; agus leig Nouredin e fhein ’na shineadh air an langsaid mar gu ’m biodh an cadal ’ga thoirt am mach. Tharruinn Bean na Maise dluth ri Abraim, agus thuirt i gu beag ris, “Seall air; sid mar a ni e a h-uile uair a bhios cuirm againn; cha luaithe a dh’ olas e cupa no dha dhe ’n fhion na thuiteas e na chadal, agus fagaidh e mise ’nam onar; ach tha mi ’n dochas gu ’m bi thusa cho math ’s gu’n cum thu cuideachd rium gus an duisg e.” An uair a thuirt Bean na Maise so, lion i cupa dhe ’n fhion, agus thairig i do Abraim e, ag radh, “Ol so air mo shlainte; tha mise a’ dol a dh ’ol air do shlainte fhein.” Bha Abraim an toiseach a’ diultadh an cupa a ghabhail as a laimh, agus a’ guidhe oirre a leithsgeul a ghabhail. Ach mu dheireadh le coiteach ’s le comhairleachadh thug i air gu ’n do ghabh e as a laimh e, agus dh’ ol e a h-uile boinne dheth. Bu ghle thoigh leis an t-seann duine choir deur math dhe ’n fhion, ach bu choma leis a bhith ’ga ol am fianuis choigreach. Bu tric leis a dhol gun fhiosda do ’n taigh-osda, mar a bhiodh gu leor eile a’ deanamh. Agus an oidhche ud fhein chaidh e direach do ’n taigh-osda far am bu ghnath leis a bhith ’dol, o ’n a bha ’n oidhche ann, agus nach fhaicteadh e, agus chum e aige fhein an t-airgiod a thug Nouredin dha gus duine eile a thuarasdalachadh. An uair a bha Abraim ag itheadh na h-ubhal an deigh dha am fion ol, lion Bean na Maise cupa eile dha, agus gun moran coitich sam bith dh’ ol e a h-uile deur dheth. Agus ghabh e an treas cupa uaipe gun choiteach sam bith. A dh’ aon fhacal, bha an ceathramh cupa ’na laimh an uair a dh’ eirich Nouredin ’na shuidhe air an langsaid an deigh dha ’bhith ’cur mar fhiachaibh gu ’n robh e ’na chadal fad na h-uine. Rinn e lasgan mor gaire, agus thuirt e, “Ha! ha! Abraim, an do ghlac mi thu mu dheireadh? Nach d’ thuirt thu rium gu ’n do bhoidich thu nach oladh tu deur fiona gu brath? Agus a nis dh’ ol thu a h-uile deur a bh’ agam.” O nach robh duil sam bith aig Abraim gu ’n rachadh a ghlacadh air an doigh ud, ghabh e beagan athaidh; ach air a shon sin dh’ ol e air a shocair fhein a h-uile deur a bh’ anns a’ chupa. Agus an uair a thraigh e an cupa, thuirt e ri Nouredin, “Mo thighearna, ma tha cionta anns an ni a rinn mi, cha ’n ann orm is coir a’ choire a chur, ach air a’ mhnaoi-uasail mhaisich. Cha ’n ’eil duine air an talamh a b’ urrainn cumail o umhchlad a thoirt dhi.” Thuig Bean na Maise gle mhath ciod a bha Nouredin a’ ciallachadh, agus ghabh i taobh Abraim. Thuirt i, “Biodh esan a’ bruidhinn, Abraim; na cuir suim sam bith anns na tha e ag radh; gabhamaid tuilleadh dhe ’n fhion, agus biomaid subhach.” Beagan uine ’na dheigh sid, lion Nouredin cupa dha fhein agus do Bhean na Maise; ach an uair a chunnaic Abraim gu ’n d’ rinn Nouredin dichuimhn air, chuir e a chupa air beulaobh Bean na Maise, agus thuirt e, “A bhaintighearna, am bheil sibh a’ smaointean nach teid agamsa air fion ol cho math ribh fein?” An uair a chuala Nouredin agus Bean na Maise na briathran so, bha iad an impis sgaoileadh a’ gaireachdaich. Lion Nouredin an cupa dha agus bha iad ’nan triuir a’ gaireachdaich, a’ comhradh, agus ag ol gus an robh e gu math dluth air meadhain-oidhche. Mu ’n am ud thoishich Bean na Maise ri thoirt fa near nach robh air a bhord ach an aon choinneal. “Abraim,” ars’ ise, “car son a tha sinn am freasdal aon chionneal air a’ bhord am feadh ’s a tha iomadh coinneal cheireach gun lasadh an sid? Guidheam ort, las cuid dhiubh, a chum gu ’m faic sinn a cheile na ’s fhearr.” Bha am fion air a dhol ’na cheann aig an am, agus o nach robh toil sam bith aige eirigh o ’n bhord, thuirt e rithe, “O ’n is tu fhein a’s oige is ann dhut a’s fhasa eirigh na dhomhsa; (Air a leantuinn air taobh 358.) [TD 356] [Vol. 8. No. 45. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IUN 15, 1900. Bha taghadh Parlamaid ann an Columbia Bhreatunnach Di-satharna s’a chaidh; tha Eosaiph Martuinn, a bha air ceann an riaghlaidh o chionn mios no dha, air call gu buileach. Cha d’fhuair ach ochdnar no naodhnar dhe luchd-leanmhuinn a stigh, aireamh nach bi ach gle lag ann an tigh ’s am beil ochd deug air fhichead. Fhuair Mr. Martuinn air ceann an riaghlaidh o chionn beagan ùine air ais tre chlaonbhaigh an riaghladair, Mac Aonghais, a rinn feum mi-iomchuidh de ’ùghdarras air son a charaid ardachadh; ach cha robh ann ach “seòladh àrd ’s tuiteam ’san t-salchar.” Buinidh an Riaghladair Mac Aonghais do’n eilean so, agus tha duilichinn oirnn nach urrainnear a radh gu bheil a riaghladh ann an Columbia Bhreatunnach air a chomharrachadh le moran gliocais. SEANN SGEUL. Bha Gilleasbuig na ghille a mach, aig Tighearna Loch-buidhe, “Murcha Mor.” ’Se tha mi ciallachadh le “gille a mach”—’n uair a bhiodh Loch-buidhe dol ri muir na ri monadh bhiodh Gilleasbuig na chuideachd. Bha Lochbuidhe, air latha àraidh air a thuras gu Rughadh-n-fhiarain, agus bha Gilleasbuig còmhla ris. Bha iad le chéile a marcachd. Chunnaic iad fear a tighinn na ’n còmhail, dh’ aithnich iad le chéile an duine bh’ann do nach robh tlachd sam bith aig Gilleasbuig, a chionn bha e air fhàgail air an duine gu’m biodh e ag innse naigheachd do Loch-buidhe nach biodh a chum math sam bith, aona chuid do ’n tuath na do ’n Tighearna. ’N uair a chòmhlaich iad ri chéile chuir an duin’ a làmh na bhoineid, agus leig e a thuigsin gu robh toil aige bruidhinn ri Loch-buidhe. Stad Loch-buidhe ’n t-each agus ghabh Gilleasbuig air aghaidh. Ach cha b’ fhada gus an d’ rinn Loch-buidhe suas a rithist ris, agus ’s math a dh’ aithnich Gilleasbuig, air fuaim casan an eich gu robh fearg air a mharcaiche. ’S bha sud mar sud. Bha Murcha ann a mullach na meall. Agus ars’ esan “Nach b’e mac an—am fear a dh’ fhalbh a nunn do’n Chaigean, agus a sgath an t-uinnseann agam as a cheann caol.” “Co air thalamh,” arsa Gilleasbuig, “a rinn a leithid sin de ghniomh? “Rinn,” arsa Loch-buide “a leithid so do dh’fhear.” Cha d’ thuirt Gilleasbuig a bheag car greis ach an ceann tacain, thuirt e—“Mata a Loch-buidhe, tha e cur moran ioghnaidh orm gu ’n rinn an duine a dh’ ainmich sibh dad de leithid.” “Ioghnadh ann no ás,” arsa Loch-buidhe, “tha’n gniòmh diante.” “An aon ni,” arsa Gilleasbuig, “is fhiosrach mise a bheireadh air an duine a leithid a dhianamh se sin cion an tombaca.” “Cion an tombaca,” arsa Loch-buidhe, “agus an ann a ’g irrraidh tombaca ’san uinnseann bha e?” “Ma bha’n duine gun tombaca,” arsa Gilleasbuig, cha ’n aithneadh a uinnseann seach calltainn.” “Ubh, ùbh,” arsa Loch-buidhe, “’sann tha sin gnothach fuasach.” “Is suarach sud dheth,” arsa Gilleasbuig, “’n uair tha ’n duine fada gun tombaca cha’n aithnich e bhean fhéin ged a thachradh i air, air an rathad mhor.” Thog Loch-buidhe a cheann, ’s tharrainn e e fein an comhair a chùil anns an diolaid ’s rinn e lachan mor gàire ’s bha’n latha le Gilleasbuig tuilleadh.” ’Nuair a rainig iad Rudha-n-fhiarani bha Loch-buidhe dol thar an aisig agus bha Gilleasbuig ri tilleadh dhachaidh leis na h-eich. Bha fear a gleidheadh marsandachd san aite ud aig an am. Chaidh Loch-buidhe stigh do ’n bhù agus thainig e mach ’s pùnnd tombaca aige ’s thuirt e, ’s e ga shinneadh do Gilleasbuig, “so thoir so do mhac an fhir ud, agus abair ris ’n uair theid mise dhachaidh, gu’n cuir mi cheann air stob ann sa Chaigeann, ma dh’ fhàg e stob ann air an d’ teid e.” Thug Gilleasbuig an teacaireachd agus an tombaca dh’ionnsaidh an duine, ach b’e na rinn e do sgathadh gu’n do bhuain e dà shlat-iasgaich, ’s cha b’e uinnseann a bh’ annta ach leamhan. Ach co dhiu fhuair e a shlatan-iasgaich ’sa phùnnd tombaca, ’s cha chreid mi nach d’thug e cheann fo’n talamh leis ’n uair a chuir iad a cholunn ann. Tha coltas gle ghruamach a tigh’nn air cùisean ann an Sina, dùthaich a bha ’cur iomguin air a’ chuid eile dhe’n t-saoghal o chionn iomadh bliadhna. Tha an dùthaich sin aig an am so air a’ cur triomhe-chéile le ceannairc, agus a reir coltais ’s ann a dol am meud a tha cheannairc na h-uile latha. Tha Sina o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais fo thighearnas boirionnaich, bantrach Impire, agus tha an sluagh air fàs gle mhi-fhoiseil fo a riaghladh. Tha beatha choigreach air fas mi-thearuinte, oir tha ’san amharc aig luchd-na-ceannairc an cur as gu buileach. Tha rioghachdan na Roinn-Eòrpa a’ dol a ghabhail na dùthcha os laimh, agus an deigh armailt a chur air tir a tha deanamh direach air Pekin, ceanna-bhaile na rioghachd. Tha mu dha mhile saighdear ’san armailt sin, agus is Breatunnaich corr us naodh ceud dhiubh. Tha dòchas gu’n ruig iad Pekin gun mhaille, oir gus an ruig iad, cha’n eil beatha na tha an de dhaoine geala sàbhailte. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Cum suil air a chuil so air son Sanas bho A. W. REDDEN & CO. luchd-reic Bhrog, Bhotainnean agus chuaran, do shean us og. June 7, 1900 1yr SYDNEY FURNITURE & MERCHANDISE STORE AIRNEIS, SOITHICHEAN GLAINE, SOITHICHEAN SINA, AGUS AIREAMH SHEORSACHAN BATHAIR EILE, TAITNEACH AGUS FEUMAIL. Stoc Ur de Ghroceries. Taghail a Stigh Againn. CHEAPSIDE WAREHOUSE. C. S. JOST, Manager. SIDNI, C. B. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. [TD 357] [Vol. 8. No. 45. p. 5] NAIGHEACHDAN. Bha dha no tri lathaichean gle theth ann deireadh na seachdain s’a chaidh, atharrachadh mor o’n t-side bh’againn o’n thainig an samhradh. Bidh dùil ri side bhriagha bhlàth o so a mach. Thainig fear Uilleam Wheeler, a mhuinntir Sidni Tuath, ri bheatha fhéin ann an New York, ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Tha a bhean ann an Glace Bay, a’ cumail tigh-òsda. Bhrist teine mach ann an aon de thogalaichean cuideachd an iaruinn feasgar Di-ciaduin, ach fhuaireadh a chur as mann am beagan mhionaidean Chaidh moran de mhuinntir a bhaile null g’a fhaicinn, ach ’se aireamh gle bheag a rainig mu’n deach a chur as. Shil uisge trom ann an ceann a deas nan Innsean deireadh na seachdain s’a chaidh, agus ged a tha ’n teas anabarrach mor fhathast, tha dùil ri faoth’chadh o’n ghort ’s o’n phlàigh. Tha mu choig muilleinean dhe’n t-sluagh am feum cuideachaidh, agus a’ faotainn bidh o riaghladh na dùthcha na h-uile latha. Tha Ard-Sheanadh na h-Eaglais Sheanaireach an Canada cruinn ann am bhaile Halifacs air an t-seachdain so, agus mar an ceudna Seanadh na h-Eaglais Shasunnaich. Tha mu dha cheud de na ministearan Seanaireach ann, agus mu cheud de na ministearan Sasunnach. Tha anns a bhaile mar an ceudna ceud no dha de na Saor Chlachairean, a frithealadh an coinneamh bhliadhnail fhéin. Cha robh ann an Canada o chionn fhada bliadhna cho soirbheachail ’sa bha ’n da mhios dheug a chaidh seachad. Cha’n eil ach gann cearna de’n dùthaich, agus tha i gu math farsuing aig nach eil an aon sgeul mhath ri innseadh. Bha am bàrr math, bha ceannachd math, agus bha deagh phrisean air gach ni. Choisinn na ròidean-iarruinn barrachd ’sa choisinn iad bliadhna riamh roimhe. Tha cuideachd an iaruinn a pàigheadh a mach ’sa stigh mu ochd mile fichead us coig ceud dolair ’san t-seachdain, mar thuarasdal do’n luchd-obrach. Tha chuid mhor dhe’n t-suim sin a’ fuireach anns a’ bhaile, ach tha moran dheth air a chur air falbh a dh’àiteachan eile; tha sin ann an tomhas mor air aobharachadh le taighean-comhnuidh a bhi cho gann ’s nach urrainn do’n àireamh a’s motha an teaghlaichean a thoirt do’n bhaile. Tha baile Mhontreal a toirt anaceartas mor do na Sineich. Tha moran dhiubh anns a’ bhaile sin, mar a tha ann an iomadh baile eile, a deanamh am beòlaind aìr nigheadaireachd. O chionn ghoirid chaidh lagh a dheanamh le luchd-riaghlaidh a bhaile leis am feum gach neach a mhuinntir Shina, mu’m faigh e cead tòiseachadh air a cheaird sin, coig ceud dolair a phàigheadh do’n bhaile. Tha àireamh mhor dhe na daoine bochda nach urrainn an t-suim sin a phàigheadh, agus tha iad uime sin air an tilgeadh dh’ an phriosan. Cha’n eil na Sineich mar shlugh cho grinn ’s cho adhartach ’s bu mhath leinn fhaicinn a’ tigh’nn do’n dùthaich, ach a dh’ aindeon sin, bu choir a bhi toirt an ceartais fhéin dhaibh. Di-luain s’a chaidh, thug coig ceud deug de na saighdearan Boereach iad-fein suas do’n arm Bhreatunnach aig Ficksberg, leis na bh’ aca de dh’ arm ’s de bhiadh. Nuair a dh’fhag Pol Cruger Pretoria, thug e leis fiach muillean punnd de dh’ òr, ach dh’ fhàg e a bhean as a dheigh. Tha e a nise ann am Machadorp baile beag a tha nise air a ghairm an cheanna-bhaile do ’n dùthaich; ’se ’s dòcha nach fhada gus am feum e ceanna-bhaile eile fhaotainn. Tha Pol fhéin ag radh gu bheil an cogadh a’ dol a leantuinn ùine mhor fhathast. La na Sàbaid s’a chaidh, thug Iain Lamond, ann a Hillside, Mira, ionnsuidh air crioch a chur air fhéin, le a sgornan a ghearradh. Bha e air falbh o’n tigh aig an àm, agus cho luath ’sa rainig e dhachaidh, leth mharbh, chuireadh a dh’iarraidh dotair ’s tha dòchas gu’m faigh e thairis air. Bha an tinneas tuiteamach air, agus thathar a deanamh a mach gu’m b’ann ’nuair a bha e dol ann an laigre thug e ’n ionnsuidh air fhein. Cha’n eil e ach seachd bliadhn’ deug a dh’aois. Ann a Newfield, an Stait Maine, Di-luain s’a chaidh, bha ceathrar ’san aon teaghlach air am mort, ’san tigh air a chur na theine. Cha’n eil fhios co rinn an gnomh, ach thatar a deanamh a mach gur ann air son airgeid a rinneadh e; fhuair fear-an-taighe, Goodwin, suim mhor airgeid ($2,300) o chionn dha no tri seachdainean air ais, agus tha na coimhearsnaich dhe’n bharail gu robh an t-iomlan aige stigh ’nuair a chaidh e-fhein ’san triùir eile chur a dhith. Chaidh moran mhort us meairle dheanamh ann an ceann a deas na staite sin o chionn mios no dha air ais. Chaidh mort oillteil a chur an gniomh air an t seachdain s’a chaidh, an tigh fir Alasdair Mac Artair, ann a Welmyn, faisg air Moosomin, ’s an Iar Thuath. Bha a’ bhean, ’s dithis mhac dha air am marbhadh air ball, chaochail Mac Artair fhéin agus fear eile dhe mhic leis an leònadh a fhuair iad, agus tha triùir eil dhe’n chloinn cho teann air a’ bhàs ’s nach ’eil dùil ri iad a dhol am feobhas. Cha d’ fhuair as de’n teaghlach air fad ach aon nighean, aois choig bliadhn’ deug. ’Se fear Moireastanach, a bha ’na sgalaig aig Mac Artair fhéin, a mhort iad; thug e ionnsuidh air a bheatha fhéin cuideachd, agus tha e coltach gu faigh e ’m bàs. Cha’n eil e a toirt seachad reusan sam bith air son na rinn e. Ged a chaidh bailtean mora nam Boereach a ghlacadh, cha do sguir iad a chogadh fhathast, agus tha iad a cur call nach beag air an arm Bhreatunnach. Latha no dha an deigh dhaibh Pretoria fhàgail, ghlac iad reiseamaid Eirionnach a chaidh a chur a mach ’nan aghaidh, agus toiseach na seachdain so bha reiseamaid Shasunnach air a glacadh, a chuid sin dhith nach deachaidh a mharbhadh ’sa leònadh. Tha e soilleir o chionn fhada nach e ’m furasda na Boerich a thoirt fo chis; tha fhios aca roimhe so nach urrainn daibh buadhachadh, ach tha iad cho diorrasach ’s gu bheil iad a’ cur rompa leantuinn air stir fhad ’s is urrainn daibh buille bhualadh. Bidh an call a’s motha orra fein, ach faodaidh iad air son sin call mor a chur air Breatunn mu’n sguir iad a chur na h-aghaidh. Tha Deise Mhath Dhomhnach. a dhith ort, agus gun teagamh ’s coir dhut a ceannach o H. H. Sutherland & Co. Tha ’m bathar a’s fhearr air a phris a’s isle uat, agus Tha sin againne dhut Deiseachan o $3.50 gu $18.00, a fhreagras air gach seorsa dhaoine sean us og; agus bathar eile a reir do thoile ’s do sporain. Am bheil thu dol a cheannach PAIDHIR BHROG? Mur do dh’ fheuch thu stor nan SUTHARLANACH bu choir dhut. Nach eil fhios agad gu’n caomhain thu arigead ann am PRIS ’s am BUAINEAD nam Brog a gheibh thu againn. Faic ar stoe co-dhiu ni no uach dean thu dad a cheannach. Gheibh thu an cunnradh a’s fhearr ’sa bhaile againn. H. H. SUTHERLAND & Co. Stor Airgeid na h-Aon Phrise. Far an robh TORMAD DOMHNULLACH, SYDNEY CASH STORE. Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig, J. C. MILLS, - - - Sidni. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. [TD 358] [Vol. 8. No. 45. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 355.) eirich ma ta agus las coig no sia dhiubh; bheir sin solus gu leor dhuinn.” Ghrad dh’ eirich Bean na Maise, agus gun suim a chur anns na thuirt Abraim, las i a h-uile aon dhe ’n cheithir fichead coinneal. Greìs na deigh sid an uair a bha Abraim ann an dluth chomhradh ri Bean na Maise mu thimchioll caochladh nithean, dh’ iarr Nouredin air feadhain dhe na soluis a bha air taobh am muigh nan uinneag a lasadh, mar nach boidh e ’toirt fa near gu ’n robh a h-uile coinneal a bha ’n taobh a staigh dhe ’n dorus laiste roimhe sid. “Gu cinnteach ceart,” ars’ Abraim, “feumaidh gu ’m bheil thu anabarrach leasg, ar neo na ’s lugha sgoinn na mise an uair nach teid agad fhein air an lasadh. Bi falbh agus las iad; ach bi cinnteach nach las thu ach na tri.” Ghrad dh’ eirich Nouredin; ach an aite na tri a lasadh mar a dh’ iarr Abraim air, las e a h-uile aon dhe na ceithir fichead mu ’n d’ thug Abraim an aire ciod a bha e ’deanamh. Anns an am bha righ Haroun Alrashid gun dol a laidhe. Bha e fein agus Giafar, an t-ard-chomhairleach, ’nan suidhe ann an seomar as am faiceadh iad sealladh air a’ gharadh agus air a’ phailliun. Thachair dha aon de na h-uinneagan fhosgladh. Agus ciod a b’ iongantaiche leis na na soluis fhaicinn laiste anns a h-uile uinneig a bh’ air a phailliun. Shaoil leis an toiseach aig cho boillsgeach ’s a bha na soluis gur ann a bha earrann dhe ’n bhaile air dhol ’na theine. Las an righ le corruich mhoir, agus ghairm e Giafar far an robh e aig an uinneig. “A dhuine gun churam,” ars’ esan, “greas a nall an so. Seall air pailliun nan dealbhannan, agus innis dhomhsa c’ar son a tha na soluis gu leir laiste aig an uair so a dh’ oidhche, agus gun mise anns a’ phailliun.” An uair a chuala Giafar na briathran so, chaidh e air chrith leis an eagal. Ach an uair a rainig e an uinneag, agus a chunnaic e le ’shuilean fhein mar a bha, bha barrachd eagail air Dh’ fheumadh e leithsgeul air choireiginn a ghabhail gus sith a chur air an righ. “A cheannard nan creidmheach,” ars’ esan, “cha ’n urrainn dhomhsa dad a radh mu ’n ghnothach ach gu ’n d’ thainig Abraim far an robh mi o chionn choig no sia laithean, agus gu ’n dubhairt e rium gu ’n robh ’na bheachd luchd-dreuchd na h-eaglais a chruinneachadh a chum cuideachadh a thoirt dha ann a bhith ’cur ghnothaichean an ordagh air son comhdhail mhor araidh a tha e gus a chumail mar chuimhne air an doigh mhath anns am bheil bhur morachd a’ riaghladh na rioghachd. Dh’ fheoraich mi dheth am bu mhath leis mi thoirt cuideachaidh sam bith dha, agus ghuidh e orm iarraidh oirbhse cead a thoirt dha a’ chomhdhail a chumail anns a’ phailliun. Thuirt mi ris gu ’m faodadh e a’ chomhdhail a chumail anns a’ phailliun, agus gu ’n innsinn dhuibhse m’ a dheidhinn; agus tha mi ag iarraidh moran mathanais a chionn gu ’n d’ rinn mi dearmad air innseadh dhuibh. Is cinnteach gur e so an latha a shuidhich Abraim air son na comhdhail; agus an deigh cuirm a thoirt do luchd-dreuchd na h-Eaglais, bha toil aige gu ’m faiceadh iad na soluis gu leir laiste.” Bha corruich an righ air traoghadh beagan an uair a chual’ e so, agus thuirt e, “A Ghiafar, a reir na cunntas a thug thu dhomhsa mu ’n chuis, chuir thu tri uilc an ghiomh air son nach bu choir mathanas a thoirt dhut. An toiseach, thug thu cead do Abraim a’ chuirm a thoirt seachad ’na mo phailliunsa, urram nach bu choir dha leithid de dhuine fhaotainn; ’s an dara aite, cha d’ innis thu dhomh a dad m’ a dheidhinn; agus anns an treas aite, a chionn nach d’ thug thu cuideachadh do ’n t-seann duine choir. Air mo shon fhein dheth, tha mi cinnteach gu ’n do chuir e a chomhairle riut feuch am faigheadh e airgiod uat gus beagan dhe ’n chosgais a phaigheadh. Ach cha do smaoinich thusa air a sid idir. Agus cha dean mise dioghaltas sam bith air ged a rinn e mar a rinn e.” Bha aobhneas mor air Giafar an uair a chual’ e mar a labhair an righ agus dh’ aidich e gu ’n d’ rinn e cearr a chionn nach tug e beagan bhonn oir do Abraim. “O ’n a tha gnothaichean mar a tha iad,” ars’ an righ “tha e iomchuidh dhomh dioghaltas a dheanamh ortsa air son mar a chaidh thu as an rathad; ach cha bhi mi trom ort. Bidh agad ris na bheil romhad dhe ’n oidhche a chaitheamh, mar a tha duil agamsa dheanamh, comhladh ris na daoine coire ud a th’ anns a’ phailliun, agus bidh mi gle thoilichte ’nan cuideachd. Agus am feadh ’s a bhios mise a’ cur deise duine chumanta orm, cuiridh tusa agus Mesrour deiseachan cumanta oirbh mar an ceudna, agus falbhaidh sibh le cheile maìlle riumsa.” O ’n a bha fhios aig Giafar nach robh facal firinn anns na dh’ innis e do’n righ, thuirt e gu ’m b’ fhearr dhaibh gun dol do ’n phailliun idir. “O ’n a tha moran dhe ’n oidhche air a dhol seachad,” ars’ esan, “bidh a’ chuideachd uile air falbh dhachaidh mu ’n ruig sinn.” Ach chuir an righ roimhe gu ’n rachadh e ann co dhiubh. Chuir so an cridhe air chrith aig Giafar; oir bha eagal air gu ’m faigheadh an righ am mach gu ’n d’ innis e na breugan dha. Ach dh’ fheumadh e falbh maille ris an righ. An uair a chuir an righ deise duine chumanta uime, dh’ fhalbh e fhein is Giafar is Mesrour gu bog, balbh am mach as an luchairt. Choisich iad troimh shraidean Bhagdad gus an d’ rainig iad am pailliun. Fhuair iad Merchants’ Bank of Halifax CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies, L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. J. D. W. CAIMBEUL. FEAR DEILBH THAIGHEAN. OIFIS:—ROSS BLOCK, P. O. BOX 41. SIDNI, - - - - C. B. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. [TD 359] [Vol. 8. No. 45. p. 7] geata a’ gharaidh fosgailte, mar a dh’ fhag Abraim e an uair a thill e air ais o cheannach an fhiona. Bha ’n righ gle fheargach an uair a chunnaic e an geata fosgailte. “A Ghiafar,” ars’ esan, “saoil thusa am bheil e mar chleachdadh aig Abraim a bhith ’fagail geata ’gharaidh fosgailte mar so? Is docha leam gur e a’ chabhag a bh’ air gus a’ chuirm a chur an ordugh a thug air nach do dhuin e e,’ ars’ an righ. Chaidh an righ a steach do ’n gharadh; agus o ’n a bha toil aige fios fhaotainn ciod a bha ’dol air aghart anns a’ phailliun mu ’n rachadh e steach ann, thuirt e ri Giafar gu ’n robh e ’smaointean streap suas ann an te dhe na craobhan a bha mu choinneamh nan uinneag feuch am faiceadh e co a bh’ anns an talla. Aig a’ cheart am thug Giafar an aire gu ’n robh dorus a’ phailliun fosgailte, agus dh’ innis e do ’n righ e. Tha e coltach gu ’n d’ fhag Abraim an dorus fosgailte an uair a dh’ iarr Nouredin air a dhol a chumail cuideachd ris fhein agus ri Bean na Maise. An uair a chunnaic an righ gu ’n robh an dorus fosgailte ghabh e steach, agus chaidh e gu failidh a dh’ ionnsuidh dorus an talla. Bha dorus an talla air a leith bheul, agus chitheadh e a’ chuideachd a bha staigh, ged nach fhaiceadh iadsan esan. Bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e an aon bhoirionnach bu bhriagha a chunnaic a shuil riamh agus duine og maiseach ’nan suidhe aig a’ bhord comhladh rì Abraim. Aig an am bha cupan airgid luma lan fiona ann an laimh Abraim, agus bha e mar so a’ labhairt ri Bean na Maise, “A bhean uasal mhaiseach, cha ’n ol fior mhisgear am fion uair sam bith gus an gabh e an toiseach oran. Ma ’s aill leat eisdeachd rium gabhaidh mi dhut aon de na h-orain a’s fhearr a th’ agam.” Ghabh Abraim an t-oran. Agus bha moran a bharrachd ioghnaidh air an righ an uair a chual’ e e; oir gus a sid cha b’ fhiosrach e gu ’m biodh Abraim ag ol fiona. Bha e riamh gus a sid an duil gu ’m bu duine stolda, stuama, measarra a bh’ ann. Thill an righ gu failidh air ais thun an doruis far an d’ fhag e Giafar, agus thuirt e ris: “Thig a nios an so comladh riumsa agus faic an e na daoine so a th’ anns an talla luchd-dreuchd na h-Eaglais mar a bha thu ’toirt ormsa chreidsinn.” (Ri leantuinn.) Thainig a’ cheud shitheach-cogaidh Frangach air an t-samhradh so a stigh do’n acarsaid ’sa mhaduinn Di-màirt. Is i ’n soitheach a th’ ann an “Isly.” Thainig i a St George, Newfoundland, far an robh i cumail sùil air na soithichean-iasgaich, agus bidh i dol air ais toiseach na seachdain s’a tighinn. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B. D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. ALBERT HARTY, Greusaiche, Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail. Ri taobh stor D. L. MacFhionghain, SIDNI, - - C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Fiar, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. GAN CREIC SAOR. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. Men often dress in bad taste without knowing it. If you wear Shorey’s Clothing you cannot be otherwise than correctly dressed. Shorey’s 4 Button Sack Kilmarnoc Tweed Suits, Retail at $12.00. They are as good as any one wants for a business suit and better than you can get to order for $20.00. Sold only by the best dealers, and guaranteed in every particular. Not made to order, but made to fit. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. [TD 360] [Vol. 8. No. 45. p. 8] Laoidh. LE DONNACHADH OG. Tha seachd saighdean air mo thi, ’S tha gach saighead diubh gam lot, A teachd eadar mi is Dia, On ’s e sin is miann le m’ chorp. A h-aon diu tha an iar dhiom, Bith d’a an co-ainm an craos; ’S minig a mheall i mi am pòit O laithibh m’ oige gu m’ aois. An dara saighead an druis, Sin a chuis a ta dhomh daor, Bho lot na saighde na ’gho Cha ’n fheil mise beo air aon. An treas saighead diubh a ta An altaibh mo chnamh a stigh. Cha leig an leisge dhe deoin Mis’ an slighe choir air bith. An ceathramh saighead an sannt, ’S mairg do ’n neach ’san d’ fhuair i guin, Furtachd cha ’n fhaigh mi ri m’ re, Gus an deid cre air mo mhuin. ’N coigeamh saighead de ’n ghlaic thruim, Diomas a chuir rium gu h-olc, ’Chuidich ri m’ anam a chradh, Agus o nach slan mo chorp. An seathamh te, an t-saighead gharg ’Chuireas fearg eadram is cach. Criosd a chasg nan urchair diom O nach faigh mi dion no tamh. An seachdamh saighead an t-suil, Farmad is tnu ris gach ni. Na seudan do ’m faighear cion Annta sin cha’n fieil dhuinn brigh. A ghlac sin uile cha choir, ’S mor na mhillteadh leis an arm, Cha tilgear aon diu nach buail, ’S cha bhuail aon diu nach marbh. Cuream paidearan Mhic De Is creud nan ostal gu beachd Eadram agus gnuis nan arm, Is coig sailin no se, no seachd. Glac, a quiver. Laoidh. LE IAIN STIUBHART NA H-APUNN. Na bi tarruinn tuirs’ gu d’ chridh’, Air gach ni tha blath na breig’, Anns a bhith cha ’n fheil ach sgail, Mar na neoil tha snamh mu’n ghrein. Mar an dealt ri latha ciuin, Mar shneachd dluth bhios soillseach, geal, No mar thoradh maoth air crann, Cha mhair ni a th’ ann ach seal. Theid an samhradh caoin le ’theas Is am foghar as gu luath; Seargaidh feur is seamrag sios; Sud mar chrionas sgiamh an t-sluaigh. Ros glan cubhraidh, plumbais lan, Lili bhan, no siris dhearg, Gur a gearr ’bhios iad fo bhuaidh; Sud dhuinn sogh an t-sluaigh gu dearbh. Leis gach neach is eibhinn dail ’Thabhairt ailgheis dhein d’an cuirp, Ged is leir dhuinn, mur a doill, Nach h-fheil duill’ air craoibh nach tuit. Air an talamh cha’n fheil ti, Crann, no ni a dh’ fhas a suas, Ris an lar nach crion fa dheoidh; Mo sgeul broin a bhith ga ’luaidh. ’S aobhar tuirse ’s aobhar broin Bhith gun tuigs’ do mhorachd Dhe, Bhith gun smuainntinn air nar cridh’; Righ nan righ, O cobhair fein. Bha do m’ ionnsuidh triuir gu teann, ’N saoghal meallt’, an sannt, ’s an fheoil. Dion le d’ laimh mi, Dhe, bho’n triuir; ’Righ nan dul, na leig-sa leo. Dion mi ’ghnath bho ’n triuir le ’m miann Craos is riatachd, breug is straic; Cobhair mi ad throcair dhearbht’, Neartaich m’ earbs’ agus mo ghradh. Bith, the world. Siris, a cherry. Ti, any one, a person. Duanag Ghaoil. LE NIALL MOR MAC-MHUIRICH. Soraidh slan do’n oidhch’ ’n reir Fada, geur a dol air cul; Ged gheallteadh mo chur an croich, Is truagh nach h-i ’n nochd a tus. A ta dis ’san taigh-s’ an nochd Do nach ceil an rosg an run. Ge nach h-fheil iad beul ri beul Is gearr, geur sileadh an sul. ’S truagh an cuibhreach a ni ’n ciall Air sileadh siubhlach na sul’; ’S ni ’m fearr an tosd a ni ’m beul, Sgeula ni ’n rosg air an run. Cha leig do-bheart luchd nam breug Smid as mo bheul aig an am s’, Tuig an ni a deir mo shuil Agus tu ’sa chuil ud thall. Cum againn an oidhch’ an nochd, Truagh gun i mar so gu brath, Na leig a mhaduinn a steach, Eiridh ’s cuir am mach an la. Och, a Mhoire, ’mhuime ’n t-seing, On ’s tu is ceann air ar ceill Tarruinn agus gabh mo lamh:— Soraidh slan do ’n oidhch’ an reir. An reir, an raoir. Rosg, suil. Fleadh Dhun-bheagain. LE NIALL MOR MAC-MHUIRICH. Se oidhche dhomhsa ’san Dun, ’S ni ’n robh ’n comunn fallsa, fuar; Cuirm lionmhor ga ’h-ibh a or, Fionbhrugh mor ’s am faicear sluagh. Teaghlach an taighe air gach taobh, ’S b’ e an fhine mheadhrach mhor; ’S feairde suaimhneas rath’ an righ Luchd catha ’n uaigneas fo ol. Gair na clarsaich ’s nan cuach trom, Aig nach gnathach fuath no feall; Gair nam fear, ’s nam fleasgach fionn, Lionn misgeach is teine teann. Righ o’n oilear aigneadh ur, Cumaidh a chaidreamh gach cliar. Na ’rioghbhrugh ni ’n aisling ol D’a shlogh lionmhor, farsuinn, fial. Fichead misge dhuinn gach la, ’S cha bu leisge leinn na leis. Bha gach deoch a dol na b’fhearr, Na se oidhch’ bu fhearr a ghreis. Lionmhor, abundant. Fionbhrugh, a wine mansion. Rioghbhrugh, a royal mansion. THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbry, Nov. 27 ’99. Cape Breton. MA THA THU AIR SON CARBAD FASANTA bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON:—Buggies, Phætons, Expresses, agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Taigh-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. Sidni, C. B. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. Gheibhear tuilleadh ainmean “Iadsan a phaigh” anns an àireamh so. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. $10,000.00. Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le Matheson, Townsend & Co., Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa. Anabarrach Saor! Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. [TD 361] [Vol. 8. No. 46. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 22, 1900. No. 46. Mar a Fhuair Eoghainn Ban Bean. Air a leantuinn. Thòisich e air a dhol gu math tric air chéilidh do thaigh Alasdair. Agus bha Mairi, air son cur seachad ùine dhi fhein, agus air son spòrs, a’ toirt a h-uile misneach dha gus a dhol air chéilidh. Ged a bha toil gu leòr aige tairgse pòsaidh a thoirt dhi, cha robh e ’faighinn cothrom cho freagarrach ’s bu mhath leis gus bruidhinn rithe mu’n chùis. Thuig ise gu’n robh toil aige bruidhinn rithe, agus thuirt i ris oidhche araidh, agus iad a’ bruidhinn aig an dorus, gu’m biodh cothrom aca air am barrachd comhraidh a dheanamh an oidhche a bhiodh a’ bhanais ann an Lionacro. Ged a fhuair muinntir an taighe gu léir cuireadh gus a dhol thun na bainnse, cha fhreagradh dhaibh a dhol ann gu léir. O nach robh gus a bhith aig an taigh an oidhch’ ud ach i fhein ’s a h-athair ’s a màthair, bhiodh cothrom gu leòr aca air an inntinnean a leigeadh ri ’cheile. Bha fadachd gu leòr air Eoghainn gus an d’ thainig oidhche na bainnse. Chuir e roimhe gu’n cuireadh e an gnothach an darna taobh an oidhch’ ud air a h-uile cor. Rainig e taigh Alasdair am beul na h-oidhche, agus an uair a thuig e gu’n robh an fheadha bha ’dol thun na bainnse gun fhalbh dh’ fhalaich e e-fhein eadar na cruachan anns an iodhlainn gus an d’ fhalbh iad. Chaidh Mairi ceum dhe’n rathad comhladh riutha, agus an uair a bha i ’tilleadh, choinnich Eoghainn rithe aig oisinn na h-iodhlann. Chuir iad fàilte air a chéile gu cridheil mar bu ghnàth leotha, agus chaidh iad a steach. “Cha’n ’eil a stigh ach mi fhein. Chaidh mo mhàthair do thigh na bainnse aird fheasgair, agus tha m’ athair anns a’ mhuillean o fheasgar an dé. Cha’n ’eil dùil againn ris dhachaidh gus an éirich a’ ghealach gu math. Tha’n rathad gu h-olc, agus an t-astar fada; agus ma thuiteas fear dhe na h-eich leis an t-sac anns a’ mhonadh, cha bhi an gnothach ach cearbach, na’s lugha na bhios daoine eile tighinn dhachaidh comhladh ris, Ma thig m’ athar dhachaidh agus tusa ’s taigh, cha teid e laidhe gus am falbh thu; ach mur faic e duine staigh ach mise, theid e chadal cho luath ’s a ghabhas e ’shuipear. Bidh suil agam fhein am mach, agus an uair a chluinneas mi tighinn e, theid thusa do ’n chiste mhòir. Tha ’n darna ceann dhith falamh a’ nochd. An uair a chriathras sinn a’ mhin a tha ’tighinn as a’ mhuillean, cuirear innte i. Cuiridh mi fhein bioran maide fo’n bhòrd-uachdair aice air eagal gun tachdar thu. An uair a theid m’ athair a laidhe, gheibh thu am mach aisde, agus faodaidh sinn comhradh gu leòr a dheanamh. Dh’ aontaich Eoghainn gu toileach gu’n deanadh e mar a bha Mairi ag iarraidh air; oir bha e ’smaoineachadh gu’m biodh cothrom anabarrach math aige air tairgse pòsaidh a chur mu choinneamh Mairi an uair a rachadh a h-athair a laidhe. An ceann greise, agus iad an deigh greis a thoirt air comhradh, dh’ éirich Mairi, agus chaidh i ’shealltainn am faiceadh i a h-athar a’ tighinn as a’ mhuillean. Bha ’ghealach air éirigh gu math, agus chitheadh i tighinn e, nam biodh e faisge air an taigh. Chual’ i coiseachd a nuas thun an taighe, agus stad i aig ceann an taighe feuch co bh’ ann. Co bh’ ann ach Aonghas Mac Callum, agus e tighinn a chur seachad greis dhe ’n oidhche comhladh rithe fhein. Bha i fhein is Aonghas gu math mòr aig a chéile ged nach robh fhios aig Eoghainn air, agus bha i glé thoilichte gu’n d’ thainig e. Dh’ innis i ann am beagan fhacal dha gu’n robh Eoghainn a staigh, gu’n robh i ’dol ga chur anns a’ chiste mhòir, agus thuirt i ris gun e dhol a steach gus an saoileadh e gu’m biodh Eoghainn air a dhol do’n chiste. Cha bu luaithe chaidh i steach na thuirt i ri Eoghainn gu’m b’ fhearr dha a dhol do’n chiste, o’n a bha amhrus aice gur e fuaim casan nan each a bha i ’cluinntinn a nuas an rathad. Chaidh Eoghainn do’n chiste agus air eagal gu’m biodh e air a thachdadh, chuir i bioran maide eadar am bòrd-uachdair is beul na ciste. An ceann beagan uine thainig Aonghas Mac Callam a steach. Chuir e fàilt air Mairi mar nach fhaiceadh e i fad mhios roimhe sid. Shuidh e air a’ bheingidh, agus shuidh Mairi m’a choinneamh air an taobh eile dhe’n teine ’s a cùlaobh ris a chiste mhòir. Bha am bioram a chuir Mairi fo bhord-uachdair na ciste cho tiugh ’s gu’n robh dol aig Eoghainn, an uair a chuireadh e a cheann air fhiaraidh, air aghaidh Aonghas fhaicinn le a leith shùil. Bha fhios aig Aonghas ’s aig Mairi gu’n cluinneadh Eoghainn a h-uile facal a theireadh iad; ach cha robh iad idir a smaointean gu’m faiceadh e aon seach aon aca. Thoisich Aonghas mu’n do tharr e ach gann suidhe, ri tarruinn a Mairi ’s ri ràdh rithe, gu’n cual’ e gu’n robh i fhein is Eoghainn Bàn a dhol a phòsadh gun dàil. “Cha chuala mise guth air a leithid,” arsa Mairi, ’s i caogadh ri Aonghas. “Ma tha leithid sin ’na bheachd cha do leig e ris dad dhe’n t-seorsa dhomhsa riamh fhathast. Tha e ’tighinn uair is uair an rathad so gun teagamh; ach cha’n ’eil e ach a tighinn air chéilidh mar a tha thu fhein. Is e ’bheatha tighinn an so uair sam bith a chi e iomchuidh. Tha e na dhuine òg measail, modhail, tlachdmhor gu leòr.” “Fan a nis sàmhach, a Mhairi. Is math a tha fhios agad c’ar son a tha e tighinn air an astar so. Cha’n ann gun ghnothach a theid fear sam bith coig mìle air droch astar ann an oidhche fhuar fhluich gheamhraidh. Agus mur can mi breug, bidh tu glé fhortanach dheth. Tha deagh thaigh aige, agus tha ’chuid fearainn stochdaichte gu leòr. Tha boirionnach còir ’na màthair dha, agus theid mi an urras nach cuir i mialachd sam bith ort, ar neo is ann agad fhein a bhios a’ choire,” ars Aonghas, agus e caogadh ri Mairi ’s a’ cur am mach a theangann. Gu mi-fhortanach thug Eoghainn an aire dha, agus thuig e gur ann a’ magadh air a bha e. Smaoinich e cruinn leum a thoirt as a’ chistidh, agus an dorus a thoirt air, ach bha eagal air gu’m biodh diumbadh air Mairi ris o nach robh e ’smaointean aig an àm gu’n robh fhios aig Aonghas gu’n robh e anns a chiste. Anns a’ cheart àm thainig Seumas dhachaidh as a’ mhuillean. Thug Aonghas Mac Callum cuideachadh dha gus na saic mhine a thoirt bhar muin nan each. Nan robh de mhisnich aig Eoghainn na leum am mach as a’ chiste fhad ’s a bha na fir a muigh a’ toirt nan sac bhar nan each, bha e air gnothach glic a dheanamh. Ach bha eagal air nach biodh ùine gu leòr aige gus e fhein a thoirt as mu ’n tilleadh iad a steach. An uair a thainig na fir a steach leis na saic mhine, cha’n fhac iad dad a b’ fhearr na’n cur air druim na ciste mòire. Mar a bha Aonghas Mac Callum cho lan dhe’n olc, thug e am maide a bha eadar a’ chiste ’s am bòrd-uachdair leis, agus dhruid e a chiste air Eoghainn truagh. Bha Eoghainn ann an fior dhroch staid. Cha robh rathad aige air faotainn as a’ chiste. Agus bha’n cridhe air chrith aige leis an eagal gu’m fanadh Aonghas tuilleadh is fada ’comhradh ri Seumas aig an teine. Cha robh e ùine fhada ’s a’ chiste an uair a thòisich ’fhallus ri brùchdadh am mach. Mu dheireadh thòisich an cadal ri tighinn air; agus a dh’ aindeoin na bha e ’deanamh gus e fhein a dhusgadh, thuit e ann an trom chadal mu dheireadh. Cha d’ thug Mairi an toiseach an aire gu’n d’ thug Aonghas am maide air falbh o bhòrd-uachdair na ciste. Ach cha bu lu luaithe ’thug i an aire mar a bha na ghabh i an t-eagal gu’m biodh an duine bochd a bh’ anns a’ chiste air a thachdadh. Bha i ’crathadh a cinn ’s a’ cur gruaim oirre ri Aonghas feuch am falbhadh e; oir bha i cinnteach nach rachadh a h-athair a laidhe fhad ’s a dh’ fhanadh Aonghas a’ bruidhinn ris. Ach ma bha Aonghas a’ tuigsinn ciod a bha i ciallachadh, cha robh e leigeadh dad air. Mu dheireadh thòisich am fear a bh’ anns a’ chiste ri tarruinn srann mar gu’m biodh e anns na mionaidean deireannach. Agus tha aobhar a bhith ’creidsinn nach biodh e ùine fhada beò anns a’ chiste; oir bha ’chiste an uair a bhiodh i druidte, cho dionach ri botul. An uair a chualas an t-srann, sheall Seumas is Aonghas is Mairi air a chéile. Dh’ fhàs Mairi cho geal ris an anart leis an eagal gu’m faigheadh Eoghainn an grad bhàs. Ghabh Aonghas fhein an t-eagal; oir bha fhios aige gu’m b’ ann le ’choireannan a bha ’n duine bochd anns an staid anns an robh e. Ach cha leigeadh an t-eagal dha fhein no do Mhairi innseadh do Sheumas mar a bha. Thuig Seumas gu’m b’ anns a’ chiste a bha’n t-srann, agus ghrad dh’ eirich e, agus eagal gu leòr air fhein, agus cho ealamh ’s a’ bh’ aige thog e na saic mhine bhar na ciste, agus dh’ fhosgail e i. Thog e leis an crùisgean bhar an stuib air an robh e an crochadh, agus an uair a sheall e anns a’ chiste, ciod a b’ iongantaiche leis na Eoghainn Bàn Mac Fhionnlaidh fhaicinn ’na lùban air ùrlar na ciste, agus e, a réir choltais, anns na mionaidean deireannach. Thionndadh e ri Mairi ’s ri Aonghas, agus thuirt e, “Cha ’n ann gun fhios dhuibhse ’tha- [TD 362] [Vol. 8. No. 46. p. 2] chair so. Tha bàs an duine air bhur lamhan le chéile.” Cha b’ urrainn Mairi gluasad as an aite ’san robh i ’na suidhe. Cha robh smaointean sam bith aice an uair a chomhairlich i do dh’ Eoghainn a dhol do’n chiste gu ’n tachradh dha mar a thachair. Agus cha mhò a thug Aonghas freagairt air. “Is ionnan stad is aideachadh,” arsa Seumas. “Tha mi tuigsinn gu’m bheil sibh le chéile ciontach. Ach mu ’n dean sinn an corr mu dheidhinn a’ ghnothaich mhaslaich so, feumaidh sinn an duine bochd a thoirt as a’ chiste an toiseach.” An uair a dh’ fheuch iad ri thoirt as a chiste, bha e ’na shlaoid cho trom ’s gur gann a chaidh aca air ’nan dithis. An uair a chuireadh ’na shineadh air a bheingidh e, agus a fhuair e àile gu leòr, cha robh e fada ’beothachadh. Bha barrachd mòr de nàire airsan na bha air Mairi ’s air Aonghas. Cho luath ’s a chunnaic Aonghas gu’n robh e air beothachadh gu math dh’ fhalbh e. Chaidh Mairi do cheann shuas an taighe, agus nàire gu leòr oirre air son mar a thachair. Agus thug Seumas air Eoghainn innseadh dha mar a thachair dha a bhith anns a chiste. Dh’ innis Eoghainn dha gu saor, soilleir mar a bha, agus an t-aobhar air son an do dheònaich e a dhol do’n chiste. “Ma ta, Eoghainn, gheibh thusa do rogha té dhe mo thriuir nighean-sa—’se sin, ma ghabhas iad thu. Agus ma ghabhas iad mo chomhairle-sa, gabhaidh té dhiubh thu gun teagamh. Is math is airidh mac d’ athar air té sam bith dhe mo chuid nighean-sa. Agus cha’n i do mhathair dad is lugha orm. Ach cha’n urrainn mise toirt air té seach té dhe mo chuid nighean do ghabhail mur bi i fhein deònach. Cuiridh mi fhein an tairgse fa’n comhair, o’n a tha mi ’g aithneachadh gu’m bheil thu fhein car diùid. Ach fagaidh sinn an gnothach gus an maireach. An uair a thig latha thig comhairle.” Dh’ éigh a h-athair air Mairi a nuas a ceann shuas an taighe, agus thug e oirre greim suipearach a dheasachadh do dh’ Eoghainn. Agus an uair a chaidh an t-suipear seachad, chaidh an dithis fear a laidhe, agus dh’ fhan Mairi aig an teine gus an tigeadh a màthair dhachaidh bhar na bainnse. Bha Eoghainn greis mhath anns an leabaidh mu ’n d’ thàinig norradh air a shùil; oir bha e air a thàmailteachadh air son mar a dh’ éirich dha. Bha greis dhe’n latha air a dhol seachad mu ’n d’ éirich e fhein no Seumas. An uair a chaidh am biadh-maidne seachad, chuir Seumas fios air a thriùir nighean do cheann shuas an taighe. “Is ann air do shon-sa, a Mhairi, a tha Eoghainn Bàn a’ tathaich an taighe so o chionn ùine, agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa pòsaidh tu e. Ciod a tha thu ’g radh?” “Ged nach ’eil dad cearr agam ri chur as a leith, cha’n ’eil mi deònach a phòsadh idir; oir an deigh obair na h-oidhche raoir, tha eagal orm nach bi e réidh rium.” “Am phòs thusa e, a Phigidh?” ars’ a h-athair. “Cha phòs mi gu dearbh. Tha car g’a dhìth; agus an uair a phòsas mise, cha’n e duine faoin dhe’n t-seòrsa ud a phòsas mi.” “Am pòs thusa e, a Sheonaid?” Bha Seonaid greis ’na stad. Sheall a h-athar ’s a màthair, agus a dithis pheathraichean oirre mar gu ’m biodh ioghnadh aca dhi. Mu dheireadh thuirt i, “Posaidh mi e gun teagamh, ma ghabhas e mi. Ma tha car g’a dhith-san, tha sibh uile ag ràdh gu ’m bheil car a bharrachd annamsa. Ni sinn suas an gnothach eadrainn.” An uair a ghairmeadh air Eoghainn agus a dh’ innseadh dha gu’n robh Seonaid toileach gu leòr a phòsadh, bha e cho aoibhneach ’s ged a bheirteadh oighreachd mhòr fhearainn dha. An ùine gun bhith fada phòs iad; agus tha e air aithris gu’n robh iad cho toilichte le chéile, agus cho math air an dòigh ri càraid a bh’ anns an dùthaich ri ’n linn. Sin agaibh mar a fhuair Eoghainn Bàn bean. IAIN. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE IAIN. CAIB. XXI. A dh’ olc no ’dh’ éiginn gu’n d’ fhuair iad chaidh aca air fuireach ’nan dùsgadh gus an d’ thàinig an latha. Bha ’n t-side anabarrach briagha, ciuin, agus bha ’n cuan mòr, fad an seallaidh mor-thimchioll orra, cho lom air ’uachdar ri siota glaine; ach o’n a bha ’n doimhneachd mòr, bha maolaidhean balbha, fadalach ag éirigh air. Beagan an deìgh do’n ghréin eirigh, uair dhe na h-uairean a bha ’n ràth air barr fir dhe na maolaidhean so, thug iad an aire gu’n robh coltas siuìl luinge a’ tighinn ’n am fradharc. Ach an uair a bhiodh an ràth anns na glinn a bh’ eadar na maolaidhean so, cha robh ni ri ’fhaicinn ach an cuan mòr, agus na speuran gorma. Sgith, fann ’s mar a bha iad, chaidh aca air a’ chrann a thogail, agus an seòl a chur ris. Bha iad an dochas gu’n faìceadh sgiobadh na luinge iad, agus gu’n tigeadh iad g’ an teanacsadh. Ach o’n a bha ’n t side cho ciuin cha robh an long a’ carachadh na ’s mò na bha’n ràth. Cha robh de neart annta fhein na dheanadh buille iomraidh, ged a bha toil aca a h-uile oidhirp a thabhairt air faotainn cho dluth dhi ’s a ghabhadh deanamh. Ged a thug sealladh de shiùil na luinge misneach mhor dhaibh an uair a mhothaich iad dhi an toiseach, mu dheireadh chaill iad am misneach buileach glan an uair a chuimhnich iad gur dòcha nach tigeadh deò shoirbheis gus an tuiteadh an oidhche. A bharrachd air so, bhuail e anns an inntinn aca gur dòcha nach b’ ann an taobh a bha iad a sheoladh i idir. Bha iad le cheile anns an t-suidheachadh inntinn anns an robh iomadh a h-aon rompa ’s ’nan déigh, bu mhò a bha na trioblaidean a bha iad ag àrach ’n an inntinn a’ cur de churam orra na na trioblaidean cuirp a bha iad a’ fulang. Bha iad a’ faicinn nach robh rompa ach am bàs. Ged nach robh an dara fear a’ cluinntinn guth an fhir eile, bha iad le cheile gu dùrachdach a’ guidhe air Dia gu ’n deanadh e tròcair orra. Bha smaointean Dhomhuill gu tric air a mhàthair, air a pheathraichean, agus gu sonraichte air an aon bhrathair a bh’aige. Bha e ’n comhnuidh a’ toirt air fhein a chreidsinn gu’n deanadh e ’fhortan mu’n tilleadh e dhachaidh, agus gu’n cuireadh e iad ann an suidheachadh cho math ri h-aon a bha eadar da cheann na dùthchadh. Ach an latha ud, cha robh coltas fo ’n ghrein gu ’n cuireadh e a chas air tir gu bràth. Ged a bha cairdean aig Callum, cha robh mòr shium aige dhiubh o’n latha ’chaidh e sheòladh. Agus o nach robh roimhe aig àm sam bith cuideachadh a deanamh leotha, cha robh ni a’ cur dragh air an inntinn aige ach eagal a bheatha. Mar a chaidh ainmeachadh cheana, dh’fhas e suas ann an aineolas air an Dia bheò, agus air gach ni a bhuineadh do’n bheatha spioradail. Ged a thug cainnt is comhairlean Dhomhuill ni eiginn de mhothachadh dha air a staid a thaobh nàdair, gidheadh bha aineolas is cruas a chridhe fhein a’ faighinn làmh an uachdar air a h-uile smaointean mhath a bha o àm gu àm a’ dùsgadh suas ’na chridhe. Mu dheireadh thall thuit iad le cheile ann an trom chadal as nach duisgeadh iad gu brath leotha fhein. Anns an àm ’s an do thuit iad ’nan cadal, bha iad striochdte gu leòr ris a’ bhas fhulang. Is iomadh neach a thug e fhein suas do’n bhas a bha iomadh bliadhna beò ’na dheigh sin, agus b’ ann diubh an dithis ghillean òga so. Mu’n do thuit an oidhche thainig feothachan math soirbheis, agus ann an dorchnachadh na h-oidhche, an uair a bha’n long air thuar a dhol seachad orra, thug am fear-faire an aire do’n ràth. Ghrad dh’ òrdaich an sgiobair bàta ’chur am mach agus na gillean bochda a thoirt air bòrd. An uair a thugadh air bòrd iad bha iad ann an dùsal trom cadail, agus ann an toiseach fiabhrius. Thugadh dhaibh a h-uile ceartas agus frithealadh air an robh feum aca, agus ann am beagan làithean thainig an tùr ’s am mothachadh fhein uca. Cha robh fhios aca an toiseach co dhiubh bha iad da rìreadh air bòrd luinge, no bha iad a’ faicinn bruadair, an uair a bha iad ’g am faireachadh fhein air an tulgadh anns na leapannan mar is minic a bha iad. Ann an ùine ghoirid thuig iad gur ann air bòrd luinge a bha iad. Ach cha robh fios aig an dara fear co dhiubh bha no nach robh am fear eile air bòrd maille ris. Chuir so dragh inntinn glé mhòr orra le chéile; oir, riamh o’n latha ’chuir iad eòlas air a chéile, bha iad cho miadhail air a chéile ri dithis bhràithrean. An ceann greise thàinig fear dhe na seoladairean far an robh iad, agur an uair a chunnaic e gu’n robh iad le cheile air duagadh as an t-suain anns an robh iad, ghrad labhair e riutha; ach cha tuigeadh iad aon fhacal dhe na bha e ’labhairt, agus idir cha tuigeadh esan facal dhe na theireadh iadsan. Thàinig fear an déigh fir dhe na seòladairean feuch an deanadh iad am mach ciod a chànain a bh’ aca. Mu dheireadh thuig iad gur e Beurla ’bha iad a’ labhairt. B’ e ’n sgiobair an aon fhear aig an robh de Bheurla na dheanadh comhradh, agus thàinig e gun dàil a bhruidhinn riutha. Bha e gle chaoimhneil riutha, agus air eagal an sgitheachadh le mòran comhraidh an déigh dhaibh a bhith ann am fiabhrus brualleanach, cha do labhair e uine fhada sam bith riutha. Dh’ iarr e orra fois a ghabhail far an robh iad fad latha no dhà, agus an uair a bhiodh iad làidir gu leòr, gu ’n innseadh iad dha mar a thainig iad gu bhith air an ràth ann am meadhain a’ chuain mhòir. Bha iad dà latha gun fhaicinn. Anns an ùine sin dh’ fhàs iad gu math làidir seach mar a bha iad. Bha iad air an deadh bheathachadh, ach ged a bha, bha iad cho lag ’s gur gann a rachadh aca air dìreadh suas air an fhàradh gu bòrd. Dh’ innis iad do ’n sgiobair a h-uile car mar a dh’ éirich dhaibh o’n latha ’dh’ fhàgadh air an eilean iad. Ghabh e ioghnadh gu leòr an uair a chual’ e mar a thachair dhaibh. Thuirt e riutha gu ’m fàgadh e iad anns a’ cheud bhaile-puirt anns an taghladh e. Bha e aig an àm air a thurus gu ruige Calefornia, àite do ’n robh mòran dhaoine ’dol aig an àm ud a bhuinig an òir. Bha àireamh mhath de luchd-turuis aige air bòrd, a dh’ fhalbh as an Fhraing ’s as an Eadailt gus a dhol a bhuinig an òir, agus bha aige ri ’n cur air tìr anns a’ bhaile-puirt a b’ fhaisge air na mèinnean òir. Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, foghnaidh dhuinn a ràdh gu ’n d’ fhàs Domhull is Callum cho làidir ’s a bha iad riamh ann am beagan ùine. Bha iad gu toileach, togarrach a’ deanamh gach obair a geibheadh iad ri dheanamh. Bha ’n sgiobair agus an sgiobadh gle ’mheasail orra. Ghabh fear dhe ’n luchd-turuis a bh’ air bòrd beachd sònraichte air cho sgionneil agus cho dìleas ’a bha iad a [TD 363] [Vol. 8. No. 46. p. 3] dol an ceann gach obair a gheibheadh iad ri dheanamh air bòrd, agus rùnaich e gu ’n cuireadh e fastadh orra gus a dhol a bhuinig an òir comhladh ris. Bha e ’tuigsinn gu ’m biodh iad ’nan seirbhisich glé dhìleas, earbsach dha. An uair a bhruidhinn e riutha mu ’n cnùis, ghabh iad fastadh aige gu toileach. Agus faodar a ràdh nach robh aobhar aithreachais aon chuid aigesan no acasan; oir dhearbh esan gu ’n robh e ’na dheagh mhaighstir, agus dhearbh iadsan mar an ceudna gu ’n robh iad ’nan seirbhisich cho cruadalach, cho tapaidh, cho sgoinneil, agus cho dileas ’s a b’ urrainn maighstir sam bith iarraidh. An uair a ràinig an long am baile-puirt, chaidh an luchd-turuis gu tìr gun dàil sam bith. Agus an uair a cheannaich iad gach ni a bhiodh feumail dhaibh, rinn iad deiseil gu falbh a bhuinig an òir. Bha astar math aca ri chur ’n an déigh mu ’n ruigeadh iad. Agus o ’n a b’ eiginn dhaìbh a’ chuid mhòr dheth a choiseachd, bha iad claoidhte gu leòr mu ’n d’ rainig iad ceann an turuis. Ach ràinig iad uile gu sàbhailte ged a fhuair iad uidil is allaban gu leòr a’ dìreadh bheann ’s a’ tearnadh ghleann, agus a’ dol troimh gharbhlaichean is aìmhnichean. An déigh dhaibh an ceann-uidhe a ruighinn, bha iad beagan làithean ’n an tàmh a’ leigeil dhiubh gach sgìos is airsneul a bh’ orra. Bha ’maighstir a bh’ air Domhull ’s air Callum glé fhortanach; oir thachair gu ’n robh pailteas òir anns an fhearann a cheannaich e. An uair a rinn e fastadh ri chuid seirbhiseach, thug e dhaibh tuarasdal suidhichte ’s an latha, agus na’n tachradh dha mòran òir fhaotainn, bha e fo ghealladh sùim àraidh a bharrachd a thoirt dhaibh. O’n a thachair gu ’n robh am pailteas de dh’ òr anns an fhearann a cheannaich e, bha e pailt cho math ri ’ghealladh dhaibh. Ann an ceann leith bhliadhna, bha fiach mòran mhìlltean punnd Sasunnach de dh’ òr aige. Thug Domhull is Callum an aire mhath do ’n tuarasdal a choisinn iad fad na leith bhliadhna. An uair a bha ceann na leith bhliadhna seachad, rinn am maighstir suas inntinn gu ’n tilleadh e air ais do ’n Fhraing leis na bhuinig e dhe ’n òr. Chomhairlich e do Dhomhull ’s do Challum fearann a cheannach dhaibh fhein leis na choisinn iad de thuarasdal. O’n a bha meas mòr aige orra ’chionn cho dìleas ’s a bha iad dha, agus cho glic ’s cho measarra ’s a bha iad a caitheamh am beatha, thuirt e riutha gu ’n ceannaicheadh e fhein fearann dhaibh, o’n a b’ ann dha a b’ fhearr a b’ aithne ciod an seòrsa fearainn anns am bu dócha òr a bhith. An latha sin fhein an uair a bha iad ’n an triuir ag amharc am mach air son pìos freagarrach fearainn thachair duine riutha a thairg dhaibh pìos fearainn a cheannaich e fhein. Chuir an duine so na choisinn e fad bliadhna de thuarasdal anns a’ phìos fearainn a cheannaich e. Agus an déigh dha bhith fad mhios a’ cladhach an fhearainn, cha do thachair gràinne dhe ’n òr ris. Chaill e ’mhisneach, agus bha e ’tairgseadh an fhearainn do dh’ fhear sam bith a bheireadh dha leith na sùim air an do cheannaich e fhein e. Ach cha robh e ’faotainn duine a ghabhadh uaith e. Chaidh iadsan ’nan triuir a dh’ fhaicinn an fhearainn. Thuirt am maighstir ri Domhull ’s ri Callum, “Ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, ’illean, ceannaichidh sibh am fearann. Mur ’eil mise air mo mhealladh gu mòr, ni sibh bhur fortan air. Fhaic sibh, ’illean, tha mòran dhe ’n chladhach air a dheanamh mar tha. Ma theid sibh fodha anns an talamh mu thrì troidhean eile, tha mi ’creidsinn gu ’n tachair òr ann am pailteas ribh.” Gn leith aindeonach dh’ aontaich iad gu ’n ceannaicheadh iad am fearann. Aig an àm bha am fear a reic am fearann mòran na bu toilichte dhe ’n ghnothach na na fir a cheannaich e. Bha esan ’g a dheanamh fhein cinnteach gur ann aige a bha ’n cunnradh a b’ fhearr, eadhon ged nach d’ fhuair e air an fhearann ach a leith ’s na thug e fhein air a shon. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, “Is math a’ chreach a dh’ fhàgas a leith.” (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agas Bean na Maise. CAIB. XI. Dh’ aithnich Giafar air an doigh anns an do labhair an righ nach robh na chunnaic e anns an talla a’ cordadh ris. Ach air a shon sin choisich e suas an staidhre. An uair a sheall e gu caol a steach air dorus an talla agus a chunnaic e an triuir a bha ’nan suidhe ann, bha eagal a bhais air. An uair a thill e far an robh an righ bha e cho mor troimh a cheile ’s nach robh fhios aige ciod a theireadh e. “Ciod e an ruidhtearachd a tha ’dol air aghart an so?” ars’ an righ ris. “Co iad na daoine so a ghabh orra de dhanadas a bhith ri ol ’s ri cridhealas ’nam gharadh agus ’nam phailliun-sa? Ach tha mi ag aideachadh nach fhaca mi dithis riamh cho maiseach agus co freagarrach air a cheile riutha; agus air an aobhar sin, bidh fios agam mun nochd mi mo chorruich dhaibh, co iad, agus ciod a chuir an so iad.” Chaidh e fhein agus Giafar a rithist gu dorus an talla gus beachd a ghabhail na b’ fhearr orra. Chual’ iad le cheile h-uile facal a bha Abraim ag radh ri Bean na Maise. Ars’ esan rithe: “Mo bhean uasal ro thlachdar am bheil rud sam bith eile ann a dheanadh na tha de sholas againn air an fheasgar so na ’s coimhlionta?” “Cha ’n ’eil dad ach inneal-ciuil,” arsa Bean na Maise; “agus tha mi ’smaointean nam faigheadh tu inneal-ciuil dhomh gu ’m biodh a h-uile gnothach ceart gu leor.” “An teid agad air a chluich?” ars’ Abraim. “Faigh thusa dhomh e, agus bidh fios agad co dhiubh a theid no nach teid,” ars’ ise. Dh’ eirich Abraim o ’n bhord, agus thug e inneal-ciuil am mach a preasa a bha faisge air laimh, agus thug e dhi e. An uair a bha i ’g a ghleusachadh thionndaidh an righ ri Giafar, agus thuirt e, “Tha bhean uasal og’ a dol a chluich air an inneal-chiuil; agus ma chluicheas i gu math, bheir mi mathanas dhi fhein agus do ’n duine og a tha comhladh rithe. Ach air do shonsa dheth, bheir mi fa near do chrochadh.” “A cheannaird nan creidmheach,” arsa Giafar, “ma ’s ann mar sin a tha ’chuis gus a bhith, is e mo ghuidhe ri Dia gu ’n cluich i gu h-olc.” “Car son so?” ars’ an righ. “A chionn gur ann mar is fhaide a bhios sinn beo anns an t-saoghal so, is mo a bhios de dh’ aobhar againn a bhith ’toirt comhfhurtachd dhuinn fhein leis an dochas gu ’m faigh sinn bas ann an cuideachd dhaoine tlachdar.” Bu toigh leis an righ feala-dha, agus thoisich e ri gaireachdaich an uair a chual’ e so; agus an uair a chuir e a chluas ris an dorus dh’ eisd e ri Bean na Maise a’ cluich air an inneal-chiuil. Cha bu luaithe ’thoisich Bean na Maise ri cluich na dh’ aithnich an righ gu ’n cluicheadh i anabarrach math. An deigh dhi greis a thoirt air cluich, thoisich i ri gabhail oran agus ri cluich an fhuinn aig a’ cheart am, agus chord an ceol agus a guth cho math ris an righ ’s gu ’n robh e ’smaointean nach robh a h-aon eile air an talamh a chluicheadh a leith cho math rithe. An uair a stad i de chluich, chaidh an righ agus Giafar sios gu bonn na staidhreach. “Cha chuala mi riamh fhathast ceol is seinn a leith cho math sid. Bha mi ’n duil gu ’m b’ e Isaac fear-ciuil cho math ’s a th’ air an t-saoghal, ach cha ’n ’eil e faisge cho math rithe-se. Chord an ceol cho math rium ’s gu ’m bheil mi ’cur romham gu ’n teid mi steach do ’n talla gus a cluinntinn a’ cluich ’nam lathair. Ach feumaidh sinn an toisich a smaoineachadh cia mar a theid mi ann.” “A cheannaird nan creidmheach,” arsa Giafar, “ma theid sibh a steach, is docha gu ’n aithnich Abraim sibh, agus cinnteach gu leor theid e a cochull a chridhe leis an eagal.” “Is e sin a tha ’cur dragh orm,” ars’ an righ; “agus cha bu mhath leam a bhith ’nam mheadhain bais dha an deigh dha a bhith iomadh bliadhna ’nam sheirbhis. Tha smaointean air bualadh ’nam cheann an drasta fhein leis an teid agam, tha mi ’n dochas, air an ni a tha ’nam bheachd a dheanamh. Fan thusa agus Mesrour faisge air an tobar gus an till mi.” Bha ’n garadh faisge air bruaich na h-aimhne, agus thug so cothrom do ’n righ air an uisge a thoirt a steach ann far an d’ rinn e lochan boidheach do ’m biodh moran a dh’ iasg na h-aimhne a’ dol gu tric a ghabhail taimh. Bha fhios aig iasgairean a’ bhaile air so gle mhath, agus bheireadh iad rud sam bith air son cead fhaighinn a dhol a dh’ iasgach ann. Ach thug an righ ordugh teann do Abraim gu ’n leigeadh le h-aon aca a dhol ’na choir. Ach air a’ cheart oidhche ud fhein, thachair gu ’n robh fear dhe na h-iasgairean a’ dol seachad air dorus a’ gharaidh; agus an uair a chunnaic e gu ’n robh e fosgailte, ghabh e ’n cothrom air a dhol a dh’ iasgach do ’n lochan. Bha ’n t-iasgair direach a’ dol a thogail nan lion an uair a thainig an righ far an robh e. Agus ged a bha aodach duine chumanta air an righ, dh’ aithnich an t-iasgair anns a’ mhionaid e. Leig e e-fhein ’na shineadh aig casan an righ, agus dh’ iarr e mile mathanas air. Ghabh e a leithsgeul ris an righ, ag radh, gur e an eis agus a’ bhochdain a thug air an cothrom ud a ghabhail air a dhol a dh’ iasgach do ’n lochan. “Eirich ’na do sheasamh, agus na biodh eagal sam bith ort,” ars’ an righ; “tog na linn a chum gu ’m faic mi ciod an seorsa eisg a th’ annta.” Ghrad thog an t-iasgair na linn mar a dh’ aithn an righ dha, agus bha coig no sia de dh’ eisg mhora annta. Thagh an righ an dithis bu mho dhiubh agus chuir e air gad iad. Na dheigh sin thuirt e ris an iasgair, “Thoir dhomhsa d’ aodach fhein, agus bheir mise dhut m’ aodach fhin. Dh’ iomlaidich iad an aodach o ’n bhroig gus an ceann-aodach. “Tog leat na linn, agus bi gabhail air falbh as a so,” ars’ an righ. Bha ’n t-iasgair gle thoilichte leis an fhortan a thainig ’na rathad, agus ghrad dh’ fhalbh e. Thog an righ leis an gad eisg, agus chaidh e feuch am faiceadh e Giafar agus Mesrour. An uair a thachair e riutha cha d’ aithnich iad e, agus mhaoidh iad gu ’n cuireadh iad an sas e mur tugadh e a chasan as gu h-ealamh. An uair a chual’ an righ mar a labhair iad rinn e gaire, agus dh’ aithnich Giafar e. “A cheannaird nan creidmheach,” ars’ esan, “am bheil e comasach gur sibh a th’ ann? Cha d’ aithnich mi idir sibh. Tha mi ag iarraidh mile mathanas air son labhairt cho mimhodhail ribh. Chuir sibh sibh fhein as aithne cho mor ’s gu ’m faod sibh dhol do ’n talla. Cha ’n aithnich Abraim gu brath sibh.” “Fan thusa agus Mesrour far am (Air a leantuinn air taobh 366.) [TD 364] [Vol. 8. No. 46. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IUN 22, 1900. Litir a Ceap Nor. Tha mios eile air dol seachad gun fhocal uam gu MAC-TALLA.. Se dh’ aobharaich sin mi bhi feitheamh gus am faighinn pilleadh air ais o m’ thurus do’n bhaile-mor Sidni. O nach ’eil a bheag a naidheachdan eile agam ri sgriobhadh aig an am, cha bhi e mi-iomchuidh iomradh goirid a dheanamh air beagan dheth na chunnaic agus na chuala mi air mo chuairt. Dh’ fhag mi ’n t-aite so an cuideachd Alasdair agus Mairearad, air an dara la fichead dhe’n Mhaigh. Rainig sinn Acarsaid Neill trath ’s an fheasgar, far an robh duil againn dol air bord a bhata-smuide Weymouth an la-iar-na-mhaireach, ach fhuair sinn a mach gur ann a bha ise gus an la ud de’n t-seachduin gun ghluasad a Sidni. Coma co dhiubh, thaghail soitheach seolaidh a bha air a turus gu Sidni-a-Tuath, agus o’n bha an soirbheas math chaidh sinn air bord, agus rainig sinn am baile sin an ceann sia uairean a thim. Do bhrigh ’s gu’n robh an oidhche dorcha cha d’ fhag sinn an soitheach gus na shoilleiriach an la maireach gu math. ’S an fheasgar chaidh mis am mach gu ruige am Bras d’ Or Beag, a dh’ amharc air mo charaid Iain agus a theaghlach, far am bheil MAC-TALLA faotuinn aoidheachd chairdeil gach seachduin. Air feasgar am maireach chaidh mi fhein agus Mairearad a null air bata-smuide gu Sidni. B’e oifis a MHIC-TALLA an ceud aite ’s an do thaghail sinn, agus feumaidh mi aideachadh gu’n d’ thug e toileachadh mor dhomh fhaicinn, gu’m bheil am fear-deasachaidh fada ni ’s oige na bha mi’m barail mu’n d’ fhag mi mo dhachaidh. ’S ann an sin a chunnaic mi ’n ceud sealladh de “Chlarsach an Doire,” leis a bhard ghasda Niall Mac Leoid. Cheannaich mi aon diubh sin, agus dithis de Leabhar nan Cnoc—leabhraichean a bu choir a bhi aig gach aon de leughadairean na Gaidhlig anns gach cearna dheth ’n domhan. ’S math an sgeula ri innseadh gu bheil luchd-gabhail MHIC-TALLA a sior fhas na’s lionmhoire, agus gu bheil an aitreabh ’s a bheil e air a chlo-bhualadh a dol mu’n am so, an ordugh ni ’s fhearr na bha e riamh. Thill sinn air ais gu Sidni-a-Tuath anamoch ’s an fheasgar. Air madainn Di-luain dh’ fhalbh Alasdair gu ruige tigh-eiridinn Halifax. An deigh dhuinn fhaicinn air bord na train phill sinn air ar ’n ais gu muladach, a guidhe gu’m biodh fear-coimhid Israeil, air nach aom cadal no suain, a gabhail curam dheth ’s ga thoirt a ris air ais d’ ar n-ionnsuidh ann an deadh shlainte. Faodaidh mi radh ’s an dol seachad gu’m b’esan an duine thainig dhachaidh tinn as na Staidean ’s an earrach, agus air an d’rinn mi iomradh aig an am. An deigh dealachadh ris mar thuirt mi cheana, chaidh mise null a dh’ fhaicinn na h-obair iaruinn a tha dluth do Shidni, agus tha mi creidsinn gur beag nach robh uiread ioghnaidh orm ris na chunnaic agus na chuala mi ’s air ban-righinn Sheba ’n uair thainig i o iomall na talmhainn a dh’ eisdeachd ri gliocas Sholamh. Bha cuid ag radh rium nach robh e comasasach do neach sam bith a thuigsinn an t-anbharr saothair a rinneadh mus d’ thainig an grunnd ud gu bhi ’s an t-suidheachadh ’s am bheil e ’n diugh, ach neach a chunnaic a shuidheachadh mus do thoisich an obair. O nach urrainn mi cunntas a thoirt air gach obair a tha dol air adhart, ’s fearr dhomh a leigeil seachad aig an am so. ’S mor an t-airgiod a tha air a phaidheadh do’n luchd-oibre gach seachdain, ach mo thruaighe! tha Satan ’g am feitheamh le moran d’a chuid theachdairean—luchd-reic na deoch laidir—cha’n ann a mhain a chum an cuid a bhuntuinn o moran dhiubh, ach gu h-araidh a chum na tha’n a chomas a tharruing sios anns an doigh ud gu truaighe neo-chriochnach. Iun 12, 1900. M. D. Chaidh fear Iain D. Domhnullach, a bha ’g obair anns a mhèinn an Glace Bay, a ghoirteachadh air an t-seachdain ’sa chaidh le tuiteam guail, agus chaochail e uaithe sin. Bhuineadh e do Phort Morien, agus bha e da fhichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” Cum suil air a chuil so air son Sanas bho A. W. REDDEN & CO. luchd-reic Bhrog, Bhotainnean agus chuaran, do shean us og. June 7, 1900 1yr A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. Clo-Bhualadh de sheorsa sam bith an a dheanamh gu snasail air oifis a phaipeir so. [TD 365] [Vol. 8. No. 46. p. 5] NAIGHEACHNDA. Chaidh tigh mor ’na theine ann an New York Di-haoine s’a chaidh, agus bha deichnear dhe na bha comhnuidh ann air an losgadh gu bàs. Bhitheamaid an comain an luchd-gabhail na’n cuireadh iad air adhart pris a phaipeir cho luath ’s is urrainn daibh. Tha bliadhna ùr a’ phaipeir a tòiseachadh air a cheud latha dhe’n ath mhios. Tha tigh-sgoile ùr ri bhi air a thogail an Sidni air an t-samhradh so. Bidh e air làrach an t-seann taighe, agus bidh e ceud us ceithir troigh a dh’fhad agus tri fichead ’sa dha dheug a leud. Bidh e air a dheanamh air cloich us bric, da stoiri a dh’ àirde, agus air a chur an uidheam cho math ri togalach da sheòrsa ann an Nobha Scotia. Tha nise da express ’s an latha tighinn ’sa falbh á Sidni; a falbh aig cairteal gu seachd ’s leth-uair an deigh deich ’sa mhaduinn, ’sa tilleadh aig cairteal gu h-ochd ’s aon uair deug feasgar. Tha aon diubh nach eil a’ stad ach aig naodh no deich cala eadar so us Halifacs, agus tha i deanamh an astair gu math na ’s luaithe na bhatar ’ga dheanamh roimhe so. Tha ’n da charbad a’ dol a stigh gu Sidni Tuath. Bhatar a bruidhinn an uiridh aìr Raointean Abrahaim, os ceann baile Chuebec, a chreic air son taighean a chur suas air, ach tha sin air a leigeil seachad, ’s tha iad gu bhi air an ceannach leis an àrd-riaghladh, ’s air an toirt seachad do’n bhaile, air son math an t-sluagh. ’S ann air na raointean so a chuireadh am blàr mor a choisinn Canada do Bhreatuinn, agus cha bhiodh e iomchuidh an leigeil fo thaighean ’s fo shràidean a bhaile. Tha Feill mhor ann am Paris, ceanna-bhaile na Frainge, air an t-samhradh so. Chaidh fhosgladh o chionn còrr us mios, ach cha ’n eil na togalaichean ’s gach ni eile air an cur an uidheam ceart ach gann fhathast. Tha earann de ’n ghrunnd air a chur air leth air son gach dùthaich, agus bha na Frangaich an toiseach a’ cur rompa gu’m biodh gach earann dheth fosgailte la na Sàbaid cho math ri lathaichean eile. Ach cha ’n aontaicheadh na Staidean no Canada ri sin idir, agus tha an cuid-san a mise duinte na h-uile latha Sàbaid. Tha cuid Bhreatunn gu ruige so fosgailte gach latha dhe’n t-seachdain. Tha Pol Crugar air an udalais o’n dh’fhàg e Pretoria. Bha a cheanna-bhaile aige car greis ann am Machadorp, agus bu chaisteal dha carbad-iaruinn. Thainig air am baile sin fhàgail, agus a nise tha ’cheanna-bhaile aige ann an Alkamr, far an deach e fhein ’sa lùchairt a ghiulan deireadh na seachdain s’a chaidh. Thathar ag radh gu robh Crugar toileach striochdadh cho luath ’sa thainig air Pretoria fhàgail, ach nach leigeidh Steyn leis sin a dheanamh. Bha cumhachan air an deanamh eatorra mu’n do thòisich an cogadh nach b’urrainn fear seach fear dhiubh ni sam bith a dheanamh gun aonta ’n fhir eile. Chum Crugar Steyn air ais roimhe so o thoil féin a dheanamh, agus tha Steyn a nise cur roimhe nach bi a dhòigh fhéin aig Crugar a thaobh striochdadh, ach gu’n toir e air leantuinn air a chogadh gus am bi e gle shearbh dheth. Chaidh fear Seumas King, ann a Westmorland, N. B., a thachdadh an oidhche roimhe le greim feòla ’se gabhail a shuipearach. Bu sheann duin’ e, tri fichead us deich bliadhna dh’ aois. Thainig an soitheach-smùide “Florida” a stigh dh’an phort so Di-luain s’a chaidh, a’ cheud soitheach dhe’n Phlant Line a ruith direach eadar so us Boston. Bha mu dha fhichead a gabhail an turuis oirre. Bidh an soitheach so a ruith fad an t-samhraidh, agus bidh a tursan ’na dheisealachadh mor do mhuinntir siorrachd Cheap Breatunn. Tha moran dhe’n bharail nach eil anns an arm Bhreatunnach ach daoine cumanta na dùthcha, gu bheil na h-uaislean agus daoine thainig gu inbhe ’ga sheachnadh. Cha’n ann mar sin a tha a’ chùis idir; tha ann an ceann a deas Africa aig an àm so a’ cogadh os leith an dùthcha, sia deug air fhichead de na morairean, agus a h-ochd air fhichead de bhuill tigh nan cumantach. Sgaoil pàrlamad Eilean a’ Phrionnsa air an t-seachdain s’a chaidh. Ged nach robh an suidhe bh’ aca air an turus so cho sitheil ’s a b’ àbhaist, chaidh aca air gnothuichean na roinne chur air dòigh ’s air obair air son bliadhn’ eile. Rinneadh aon lagh leis a phàrlamaid so is fiach iomradh a dheanamh air, ’se sin lagh a bacadh creic deoch làidir. Tha an lagh-bacaidh sin ri bhi air a chur air obair a cheud latha de Iun, an ath bhliadhna. An deigh sin bidh e mi-laghail stuth làidir de sheòrsa sam bith a chreic air an eilean, agus bidh luchd-bristidh am lagha air am peanaisteachadh air son na ceud chionta le ùmhladh ceud dolair, no tir miosan priosain; an darna cionta, da cheud dolair no ceithir miosan priosain; agus gach uair an deigh sin, sia miosan priosain. Rinneadh lagh dhe’n t-seòrsa cheudna ann am Maintoba deireadh an earraich. Tha mar sin a dha de roinnean Chanada gu bhi fo lagh bacaidh mu ’n àm so ’n ath bhliadhna. Tha cùisean a sior dhol na ’s miosa ann an Sina. Tha comunn uaigneach am measg an t-sluaigh ris an canar “Boxers” agus ’s iad sin a tha air cheann na ceannairc. Tha e fior choltach gu bheil a bhan-impire gu h-uaigneach ’g am misneachadh ’s ’g am brosnachadh, oir tha a cheart ni aig na “Boxers” ’san amharc ’s a bh’ aice fhéin o chionn iomadh bliadhna—na coigrich fhògradh as an dùthaich. Tha cuid de na paipearan-naigheachd Breatunnach dhe’n bharail gu bheil Ruisia air chùl na ceannairc cuideachd, gu bheil i cur nan Sineach gu buaireas an dòchas gu’n teid aice fhein air a cumhachd a mheudachadh mu’n tig crioch air a chogadh, ma bhios cogadh ann. Ma tha sin fior, tha cothrom na’s fhearr aice na bha aice o chionn iomadh bliadhna oir tha Breatunn gu trang anns an Transvaal, agus ’se Breatunn an aon rioghachd bu dòcha cur na h-aghaidh. Loisg gearasdan Sineach ann an Taku air an arm Eòrpach Di-luain s’a chaidh a’ marbhadh ’sa leònadh àireamh dhiubh; ach chaidh na dùin aca ghlacadh, an deigh ceithir cheud dhiubh a mharbhadh. Fhuair sinn an diugh 500 Paidhir de bhrogan fhirionnach Dong. Bals. Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1.25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1.40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar. Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn. Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta. H. H. Sutherland & Co. Stor Airgeid na h-aon Phrise. SYDNEY CASH STORE. Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig, J. C. MILLS, - - - Sidni. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad. Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. [TD 366] [Vol. 8. No. 46. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 363.) bheil sibh fhad ’s a bhios mise anns an talla.” Chaidh an righ suas an staidhre, agus bhuail e aig dorus an talla. Chuala Nouredin an toiseach e, agus dh’ innis e do Abraim, gu ’n robh duine a’ bualadh aig an dorus. “Co tha sid?” ars’ Abraim. Dh’ fhosgail an righ an dorus, agus choisich e ceum no dha steach do ’n talla, agus thuirt e, “Abraim, is mise Ceirim, an t-iasgair. Dh’ innseadh dhomh gu robh cairdean agad an so aig cuirm. Thug mi ugad an da iasg bhriagha so; oir bha mi ’smaointean nach bu mhisde leat iasg ur a bhith agaibh aig a’ chuirm. Tha iad direach air an toirt as an lion an drasta fhein.” Bha Nouredin agus Bean na Maise anabarrach toilichte an uair a chual’ iad iomradh air iasg. “Guidheam ort Abraim,” arsa Bean na Maise, “leig leis tighinn na ’s dluithe dhuin a chum gu ’m faic sinn an t-iasg.” Bha Abraim aig an am neo-chomasach air faighneachd dhe ’n iasgair cia mar a thachair dha tighinn do’n talla; oir bha ’inntinn gu buileach suidhichte air a h-uile toileachadh a thoirt do Bhean na Maise. Bha e air an dearg dhaoraich, agus air eiginn thionndaidh e ’aghaidh rathad an doruis, agus ann an cainnt liutaich thuirt e ris an righ, agus e an duil gur e iasgair a bh ann, “Trobhad an so a dhearg mheirlich na h-oidhche, agus seall dhomhsa ciod a th’ agad.” Chaidh an righ air aghart, agus e anns gach doigh cho coltach ri iasgair ’s a b’ urrainn a bhith, agus leig e fhaicinn an da iasg dha. “Tha ’n t-iasg sin briagha da rireadh,” arsa Bean na Maise, “agus nan’ robh e air a dheasachadh gu math, dh’ ithinn rud dheth gu toileach.” “Tha bhean-uasal ceart gu leor,” ars’ Abraim; “ach ciod am feum a ni an t-iasg sin dhuine o nach robh e air a dheasachadh. Bi falbh leìs amns a’ mhionaid, agus deasaich gu math e, agus thoir do ’r n-ionnsuidh e. Gheibh thu a h-uile deisealachd a bhios a dhith ort anns a’ chitsin agamsa.” Chaidh an righ air ais far an robh Giafar, agus thuirt e ris, “Ghabh iad rium gle chaoimhneil; ach tha iad ag iarraidh orm an t-iasg a dheasachadh dhaibh.” “Deasaichidh mise dhaibh e,” arsa Giafar, “agus bidh e deiseil ann an uine gle ghoirid.” “Cha ’n ann mar sin a bhitheas,” ars’ an righ, “tha mi cho toileach mo ghnothach a dheanamh ’s gu ’n deasaich mi-fhin e; oir o ’n chaidh agam cho math air mi-fhin a chur ann an riochd iasgair, cuiridh mi-fhin a nis ann an riochd-cocaire. An uair a bha mi og rinn mi uair beagan cocaireachd agus chaidh an obair leam gle mhath.” An uair a thuirt e so, chaidh a fhein is Giafar agus Mesrour do ’n chitsin aig Abraim, agus thoisich iad ’nan triuir gu trang ri deasachadh an eisg. Ged nach robh an citsin aig Abraim mor bha h-uile deisealachd air am biodh feum aig cocaire ri fhaotainn ann. Ann an uine ghoirid dheasaicheadh an t-iasg. Chuir an righ air trinnsearan e, agus chuir e lemon air gach trinnsear, a chum gu ’m faisgeadh iad anns an eanraich e nam faiceadh iad iomchuidh. Dh’ ith iad ’nan triuir an t-iasg gu sunndach, ach gu h-araidh Nouredin agus Bean na Maise. Agus bha ’n righ ’na sheasamh aig a’ bhord mu ’n coinneamh. (Ri leantuinn.) Na Marbhrannan. (Air a leantuinn.) Bha an teagasg so gun teagamh easbhuidheach. Cha robh a’ bheag de leughadh, de sgriobhadh, no de chunntas ann. Cha sheasadh clann Ghaidhealach an là ud ach dona aig ceasnachadh ar latha-ne agus cha choisneadh iad moran cliu no airgid do ’n Mhaighstir-sgoile. Cha labhradh iad focal Beurla agus, cuis is iongantaiche, cha robh naire orra dheth. Ach aineolach, cianail, mar a bha ’n cor, a reir teagaisg ’us creidimh ar latha-ne, tha mi meas gu ’m faigheadh ar luchd teagaisg-ne leasan no dhà uapa a b’airidh air iunnsachadh A dh’aon ni, thuigeadh na sgoilearan o shean cainnt am maighstir; agus is mor an ni so. A rìs bha ’m Bard a’ teagasg d’a luchd-eisdeachd gu ’n robh Duthaich aca, gu ’n robh Sinnsearachd aca, agus nach bu ni mi-choltach gu’m biodh Sliochd aca. Bha e teagasg gu ’n robh dleasdanais chudthromach, sholuimte air an leagadh orra, nach faodadh iad gun chionta mor a dhearmad, do thaobh an Duthcha, an Aithrichean, agus an Cloinne. Coir do Dhuthcha agus do Shluaigh a sheasamh agus an am a cliu a chur am farsuingeachd—a bhi cuimhneach air na daoine o’n d’ thainig thu—na beannachdan a mheal thu fhein aisig ’n an lan neart do d’ chloinn—do bheatha orduchadh a chum agus gu’n seall na ginealaich a thig a’ d’ dheigh air an ais le tlachd agus le urram ri cuimhne nam parantan a ghin iad—a bhi anns gach ceum do d’ bheatha a’ gleidheadh air chuimhne gur tusa an ceangal ann an Eachdraidh do Shluaigh eadar an t-àm a bha agus an t-àm a bhitheas;—b’e ni-eigin cosmhuil ri so, air a thoirt seachad le teangadh cheolmhor a’ Bhaird, an teagasg a gheibheadh an t-oganach Gaidhealach o shean, agus easbhuidheach ’us mar bha e, saoilidh mi gur ann easbhuidheach da rireadh a tha ’n teagasg anns nach faighear a bheag no mhor de ’n t-seorsa air a chur fa chomhair na h-oigridh anns gach linn. B’e so, tha mi meas, brigh teagaisg “Oisean” Mhic Mhuirich, cia b’e chuir ri cheile e. B’e modh no doigh an teagaisg cliu an àm a dh’ fhalbh agus nan daoine treuna a bha. Seall air na Dain fa seach. ’Se cheud sreath de “Chath-Loduinn” (Ri leantuinn.) Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER Superintendent of Agencies, Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, MART 12, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $6,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. Gheibhear tuilleadh ainmean “Iadsan a phaigh” anns an àireamh so. [TD 367] [Vol. 8. No. 46. p. 7] AN DUANAG ULLAMH. LE BARD MHIC-GILLEAIN. Triallaidh mi le m’ dhuanaig ullaimh Gu righ Ghaidheal; Fear aig am bi ’m baile dùmhail Sona, saibhir. Triath Earragheal ’s fearr faicinn, ’S is mo maitheas; Cailein, iarla fo chliu farsuinn, ’S e ’s fial flaitheas. Abhall uasal, maiseach, freumhach, D ’am buin moladh; Crann a’s ùire dh’ fhàs troimh thalamh, Làn de thoradh. Seahhag ’s uaisle theid ’sna neultaibh, Crann thar chrannaibh; Mac ratha ’chum Dia gu h-ullamh Do ’n chliar-ealain. Leoghann neartmhor, nimhneach, làidir An àm trioblaid; ’S beag nach deachaidh Alb’ air udal Gus ’n do theasraig. An trath thriallas Cailein Iarla ’S a shluagh bunaidh, Cuirear leis air fairg’ o’ chala Càbhlach ullamh. Luingeas leathann, làidir, luchdmhor, Dealbhach, dionach; Slios réidh sleamhainn dhol ’san fhuaradh, ’S ràimh chruaidh, dhireach. Togar leo na geal chroinn chorrach ’Suas le ’n lònaibh, ’S iomadh ball gu teann ga dheanamh ’N am dhaibh seòladh. Nitear an stagh direach, ’s dualach Mu’n bhràigh thoisich; ’S togar na siùil mhora, mhaiseach, Le sgod crosach. Cuirear a chluas ’sa chìch thoisich Dhol ’san fhuaradh; Mar steud luath i, sruth fo sàiltibh, ’S muir ga bualadh. ’S iomadh laoch fulangach, meanmnach, Dorn-gheal, treubhach; Dh’ iomaireas lùb air a h-àlach, ’Socrach, séisteach. Deagh shluagh lionmhor bhiodh a d’ bhàrcaibh, Fo làn armaibh; ’S air a dheas laimh neart nan Duibhneach Aig righ Alba. Reir a cheartais, nuair a b’ eiginn, Le cruaídh chogadh, Bhuidhinn thu buaidh ’s tha thu oirdheirc, Fhuair thu toiseach. Ni ’n aithne dhomhsa do chàirdean, Ge math m’ eólas; Ach ’s ro chinnteach leat gu’n éireadh Mac-Leoid Leodhais. Fuil Mhic-an-Tòisich gu h-ullamh, ’S feachd Mhic-Shimi, ’S mairg air an leagadh iad buillean An am iomairt. Clann-Ghilleoin gu làidir, lionmhor, Bho ’n tir Mhuilich; Dream a thug buaidh anns gach bealach, ’S a b’ fhearr fuireach. Clann-Domhnaill, d’an cliù buaidh-larach Ort a feitheamh, ’S uais lean Innse-Gall gu coimhlient, Mar a deiream. Fhuair thu bho ’n righ ’bhith ’t ard cheannard Air fir Alba, ’S, mar a b’ airidh, ’bhith ’t ard bhritheamh Nithean ’s anman. Tha thu ’t ard fhear-coimead ’s gleidheadh Air a chrich thall; Rainig ’s cheannsaich thu na naimhdean, ’S fhuair thu siochaint. Air ard-chomhairle na h-Alba, ’S tu ’s stiuir uile; Do cho math ni ’n robh an seanachas O lìnn Uilleim. Wallas, flath nam fear, gun choimeas Am measg dhaoine; Cailein na dheidh-san gun choimeas, An t-iarl Aorach, Ge mor t’ inbhe, t’ aimn, is t’ onair ’S mò do ghliocas; Rinn thu bun a stéidh na firinn Is a cheartais. Tha Breatunn a cur àireamh mhiltean de shaighdearan air falbh a Africa mu Dheas gu Sina, far am bheil e gle choltach gu’n cuirear feum oirre an ùine ghoirid. Tha e ’na ni gle fhàbharraah dhi gu bheil cogadh nam Boereach beul ri bhi seachad. Tha gach neach a dh’ fheuch Uuion Blend Tea ’ga moladh. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Fiar, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. ’GAN CREIC SAOR. COINNEACH ODHAR, Am Fiosaiche. Leabhar beag anns am bheil cunntas goirid air a bheatha agus fhiosachdan, air a sgriobhadh leis an Urr. D. B. Blair, D. D., nach maireann. A phris: aon leabhar 10c.; da leabhar dheug air $1.00. Ri chreic aig PUBLISHERS OF “MAC-TALLA,” Sydney, C. B. The Scottish Clans and their Tartans. Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine,—mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu Alexander Bain, Port Hawkesbry, Nov. 27 ’99. Cape Breton. Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ’ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh. BUSINESS CARDS. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B. ALBERT HARTY, Greusaiche, Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail. Ri taobh stor D. L. MacFhionghain, SIDNI, - - C. B. [TD 368] [Vol. 8. No. 46. p. 8] Rinneadh riamh leat dlighe cheart Do lag ’s do làidir; Beannach i gach aon duin’ ad chuideachd, Ghall is Ghaidheal. ’N t-Athair cumhachdach gad ghleidheadh ’S am Mac siorruidh, ’N Spiorad Naomh a dhion do nàire, ’Righ Loch-fine. Ni ’n d’ fhuaras do cho math de dh’ urrainn, ’S ni ’m mò dh’ iarras; ’Chinn nam fear bu phailte cùram Leat a thriallainn. Tha e air a radh gu’n do rinneadh an t-oran so mu’n bhliadhna 1528. CEAD DEIREANNACH NAM BEANN. LE DOMHNALL MAC FHIONNLAIDH. ’S mi ’m shuidh’ air sìth-brugh nam beann, Goirid o cheann Locha-tréig, Creag-Guanach am biodh an t-sealg, Grianan àrd am biodh na féidh, Chi mi Coir’-an-Rath a bhuam, Chi mi a Chruach is Beinn-Bhreac; Chi mi Srath-Oisean nam fiadh, ’S chi mi ghrian air Meall-nan-Leac. Chi mi Gairbinn nan damh donn, Agus Lap-Bheinn nan tonn sìth’; Mar sin is an Leitir-Dhubh; ’S tric a rinn mi fuil na frìth. Chi mi srath farsuinn a chruidh, Far an labhar guth nan sonn, ’S Coire-creagadh a Mhàim-Bhain, M’ minig a rinn mo làmh toll. Chi mi bràigh Bhidein nan dos ’N taobh so bhos de Sgurra-Lìth; ’S gurra Chòinnich nan damh seang’; ’S ionmhuinn leam an diugh na chi. Chi mi Beinn-Nibheis gu h-àrd, ’S an Carn-Dearg an taic’ a buin; ’N tulach air am fàs am fraoch, Monadh maol gu ruige muir. Gur riomhach an Coire-Dearg, Far ’m bu mhiannach leinn bhith sealg; Coire nan tulachanan fraoich, Innis nan laogh ’s nan damh garbh’. ’S aoibhinn an obair an t-sealg, ’S aoibhinn a meanmna ’s a beachd; ’S mor gu’m b’ annsa leam a fonn Na long is i ’dol fo beairt. C’àit an cualas ceol bu bhinne Na mòthar gadhair mhòir a teachd; Daimh sheanga nan ruith le gleann, ’S miolchoin a dol annta ’s asd’. Is binn leam torman nan dos Ri uilinn nan corra-bheann cas, ’S an eilid bhiorach a’s caol cos Na ’clos fo dhuilleach ri teas. Gun do chéil’ aic’ an damh, ’S e ’s muime dh’ im ’feur ’s an creamh; Màthair an laoich mheanbh-bhric mhir, Bean an fhir mheall-rosgaich ghlain. Eilid bhinneach, mheargant’, bhallach, Odhar, eangach, uchd-reidh, àrd, ’S damh togbhalach, croic-cheannach, sgiamhach, Crònanach, ceann-riabhach, dearg. ’S aigeantach shiubhleas i ’n raon, Cadal cha dean i ’san smùr; B’ fhearr leath’ na plaide ri ’taobh Bàrr an fhraoich, ghaganaich ùir. ’S glan ri ’shloinneadh an damh donn, ’Thearnas o uilinn nam beann; Mac na h-eilde ris an tom, Nach do chrom le spìd a cheann. Is gasd’ a ruitheas e suas Ri leacainn chruaidh agus chas; Moladh gach aon neach an cù’ Ach molam-s’ an trùp ’tha dol as. Bha mi o’n rugadh mi, riamh An caidreamh fhiadh agus earb’, ’S cha’n fhaca mi dath air am bian Ach buidhe, riabhach, is dearg. Dh’ fhàg mi ’san righe so shios ’M fear bu phudhar dhomhs’ a bhàs, ’S tric chuir e chagar an cruas ’N cluais an daimh chabraich an sàs. Raonull Mor Mac Dhomhnaill Ghlais, Fear a fhuair foghlum gu deas; Deagh Mhac Dhomhnaill a chuil chais, Ni ’m beo neach a chomhraig leis. Alasdair cridhe mar lann, Gun e bhith ann is e mo chreach; ’S tric a leag e air an tom Mac nan sonn leis a chu ghlas. Bratach Alasdair Bhoth-Loinn Bu shról farumach ri crann; Suaicheantas soilleir Siol Chuinn; Nach d’ chuir suim an clannaibh Ghall. Alasdair Mac Ailein Mhòir, ’S tric a mharbh ’sa bheinn na feidh, ’S a leanadh fad air an tòir, Mo dhòigh bu Domhnullach treun. Fhad ’s a bhithinn beo air thalamh, ’S deo de’n anail am chorp, Dh’ fhanainn am fochair an fheidh, Sin an spréidh ’san robh mo thoirt. Soraidh gu Beinn-Allair bhuam, Bho’n ’s i fhuair urram nam beann; ’S gu slios Loch-Eireachd an fhéidh, Gu’m b’ ionmhuinn leam fhéin ’bhith ann. Thoir soraidh bhuam thun an loch, Far am faicteadh bhos is thall; ’S gu uisge Leamhna nan loch, Muime nan laogh breac ’s nam meann. ’Se loch mo chridhe-s’ an loch, An loch air am biodh an lach, Agus iomad eala bhàn, ’S bhiodh iad a snamh air mu seach. Soraidh bhuam gu Bac-nan-Craobh, ’S gu da thaobh Bealach-nan-Sgùrr, ’S dh’ fhios an Eadar-Bhealaich mhòir, Mu ’n cluinnteadh cronan an daimh dhuinn Mo shoraidh gu Coire-nan-Clach, ’N coir’ am bu toigh leam bhith tàmh; ’S gu Uisge-Labhar nam faobh, Cùilidh nan agh maol ’s nam mang. Is beannachd leat-sa, Chreag Mhor; ’S ionmhuinn an lòn tha fo d’ cheann; ’S gur h-anns’ an lag th’ air do chùl Na machair is mùr nan Gall. O’n labhair mi umaibh gu leir Gabhaidh mi-fein dibh mo chead, ’S dearmad cha dean san am Air fiadhach ghleann nam Beann-Beag, Cead a’s truaighe ghabh mi riamh; Do ’n fhiadhach bu mhor mo thoil; Cha’n fhalbh mi le bogh’ fo m’ sgeith, ’S gu la-bhrath cha leig mi coin. Nuair bha mi air an da chòis, ’S moch a shiubhlainn bhos is thall; Ach an nis o’n fhuair mi tri, Cha ghluais mi ach gu mìn mall. Tha blaigh de ’m bhogh’ ann am uchd, Le agh maol odhar is ait; Ise gionach ’s mise gruamach, ’S truagh an diugh nach buan an t-slat. ’Nis on sguir mi ’shiubhal bheann, ’S o nach teann an t-iubhar cruaidh, ’S o nach seasamh mi air sgeir, ’S truagh nach h-fheil mi anns an uaigh. Fleadh Dhun-bheagain. LE NIALL MOR MAC-MHUIRICH. Se oidhche dhomhsa ’san Dun, ’S ni ’n robh ’n comunn fallsa, fuar; Cuirm lionmhor ga ’h-ibh a or, Fionbhrugh mor ’s am faicear sluagh. Teaghlach an taighe air gach taobh, ’S b’ e an fhine mheadhrach mhor; ’S feairde suaimhneas rath’ an righ Luchd catha ’n ua gneas fo ol. Gair na clarsaich ’s nan cuach trom, Aig nach gnathach fuath no feall; Gair nam fear, ’s nam fleasgach fionn, Lionn misgeach is teine teann. Righ o’n oilear aigneadh ur, Cumaidh a chaidreamh gach cliar. Na ’rioghbhrugh ni ’n aisling ol D’a shlogh lionmhor, farsuinn, fial. Fichead misge dhuinn gach la, ’S cha bu leisge leinn na leis. Bha gach deoch a dol na b’fhearr, Na se oidhch’ bu fhearr a ghreis. Lionmhor, abundant. Fionbhrugh, a wine mansion. Rioghbhrugh, a royal manions. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. $10,000.00. Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le Matheson, Townsend & Co., Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa. Anabarrach Saor! D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. J. D. W. CAIMBEUL. FEAR DEILBH THAIGHEAN. OIFIS:—ROSS BLOCK, P. O. BOX 41. SIDNI, - - - - C. B. [TD 369] [Vol. 8. No. 47. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VIII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IUN 29, 1900. No. 47. DOMHULL DONA MAC NA BANTRAICH. LE. IAIN. CAIB. XXII. Cha robh Domhull is Callum ach latha no dhà a’ cladhach an uair a thachair an t-òr riutha. Mar bu doimhne a bha iad a’ dol is ann bu mhò a bha iad a’ faotainn dhe ’n òr. Ann an ceann thrì miosan bha iad riaraichte gu leòr leis na bhuinig iad, ach lean iad air cladhach gus an do chuir iad an taobh a bha fodha dhe ’n fhearann as a chionn. Mu’n do sguir iad bha iad cho beairteach ’s a dh’ iarradh iad, agus cha bu bheag sin. An déigh dhaibh am fortan a dheanamh bha cunnartan anns an rathad orra a bha ’cur eagail gu leòr orra. Bha àireamh nach bu bheag de dhaoine aig na meinnean a bha ’tighinn beò air a bhith ’spùinneadh a h-uile duine air am faigheadh iad fàth, agus aig an saoileadh iad am biodh a’ bheag a dh’ òr. Bha iad so cho cruaidh-chridheach ’s cho brùideil ’s gu’m mortadh iad duine sam bith air ghaol greim fhaotainn air beagan òir. Mar bu trice bhiodh buidheann dhiubh ri feall-fhalach anns na coilltean air an rathad a bhiodh an fheadhainn a bhiodh a’ tilleadh dhachaidh o chladhach an òir a’ gabhail. Bhodh cuid eile dhiubh aig na meinnean agus suil am mach aca feuch co bhiodh a’ tilleadh dhachaidh, agus ciod an rathad a bhiodh iad gus a ghabhail. Cha robh barail sam bith aig Domhull ’s aig Callum an toiseach gu’n robh na cunnartan so rompa, agus air an aobhar sin cha robh iad air am faicill ciod a theireadh ’s a dheanadh iad cho math ’s bu chòir dhaibh. Ach bha fhios aig an Fhrangach a ghabh ceann orra, agus a bha cho caoimhneil riutha, gu’n robh na cunnartan so rompa, agus chuir e ’nam faireachadh iad. Ged a bha e fhein deiseil gu tilleadh dhachaidh, chuir e roimhe gu’m fanadh e gun fhalbh gus am biodh iadsan agus buidheann no dhà eile ’falbh comhladh ris. Bha fhios aige gur ann mar bu lionmhoire a bhiodh an àireamh bu shàbhailte a gheibheadh iad air ais do ’n bhaile-puirt a dh’ ionnsuidh an robh ’nam beachd a dhol. Gus an luchd-spùinnidh a chur as am faireachadh bha iad gu faoilidh, foscarra ag innseadh gu’n robh dùil aca falbh gun dàil, agus gu’n robh iad gus dhol gu ruige am baile-puirt a b’ fhaisge dhaibh. Leis na bh’ aca de dh’ òr b’ eiginn dhaibh beagan dhaone ’thuarasdalachadh gus falbh comhladh riutha. Dh’ fhalbh iad àird-fheasgair, agus o’n a bha fhios aca nach cuirteadh dragh sam bith orra gus an rachadh iad àireamh mhòr miltean air an aghart, lean iad rompa, mar gu’m biodh iad a’ deanamh dìreach air a’ bhaile-puirt a b’ fhaisge dhaibh. Champaich iad ann an iomall na coille, agus an uair a leig iad an anail gu math agus a ghabh iad biadh, rinn iad deiseil gu falbh an oidhche sin fhein. Bha ’n oidhche air tuiteam fada mu’n d’ fhalbh iad, ach o’n a bha àirde gealaich ann bha e fursada gu leòr dhaibh am frith-rathad a dheanamh am mach. Lean iad rompa air an socair fhein gus an robh e gu math seachad air a’ mheadhain-oidhche. Rinn iad stad car uair no dà uair, agus shuidhich iad gu’n atharraicheadh iad an cùrsa, agus gu’n deanadh iad car-ma-chnoc air na meirlich, ma thachair gu’n robh iad air an tòir. Cha robh am fear a bha gus an treòrachadh air an t-slighe glé chinnteach gu’n rachadh aige air an cur air an rathad cheart. Ach co dhiubh dh’ fhalbh iad. An uair a shoilleirich an latha thuig iad gu’n deachaidh iad fada far an rathad. Bha deireadh na h-oidhche glé dhorcha, agus ged a bha combaiste aca, bha eagal orra solus a lasadh ro thric gus amharc air; oir ghabh iad amhrus gu’n robh an tòir orra, agus bha fhios aca nan lasadh iad solus gu’m faodadh an luchd-tòrachd boillsgeadh dheth ’fhaicinn. Cha robh aca ach feuchainn ri ’n aghaidh a chur an latha sin air a’ bhaile ’dh’ ionnsuidh an robh dùil aca ’dhol. An uair a bha e suas ri deich uairean de latha, bha teas na gréine air fàs cho làidir ’s gu ’n do shuidhich iad gu’m fanadh iad gu àird-fheasgair far an robh iad. Chaidh iad a steach do ’n choille, agus leig iad as na h-eich, agus an uair a ghabh iad fhein biadh, chaidil cuid dhiubh, agus chaidh cuid eile dhiubh suas gu mullach cnoic àird a bha mu leith mhile air falbh feuch ann faiceadh no ’n cluinneadh iad an robh neach sam bith air an tòir. An uair a bha iad greis air falbh thill iad, agus thuirt iad nach fhaca ’s nach cuala iad ni a bheireadh orra bhith ’smaointean gu’n robh neach sam bith air an tòir. O’n a bha coltas gu’m biodh an oidhche gu math soilleir cha d’ fhalbh iad gus an robh a’ ghrian air cromadh gu math. Lean iad rompa fad na h-oidhche; oir ged a b’ ann a’ dol iomrall fhein a bhitheadh iad b’ fhearr leotha cumail rompa na stad, air eagal gu ’m faodadh neach sam bith am faicinn a bheireadh sgeul do ’n luchd-tòrachd mu’n déidhinn. Ged nach fhaca iad neach sam bith fad an dà latha so a bheireadh orra bhith ’creidsinn gu’n robh tòrachd orra gidheadh bha làn amhrus aca, a reir gach sgeul a chuala iad mu’n d’ fhalbh iad as na mèinnean, gu’n robh iad ann an cunnart an cuid dhe ’n t-saoghal a chall. Ged nach robh fhios aca air, bha buidheann mhòr de dhaoine làidir eucorach air an tòir, agus bha iad air greim fhaotainn orra mur b’e gu’n deachaidh iad cho fada bhar an rathaid an oidhche an déigh dhaibh falbh. Ann an soilleireachadh an latha stad iad aig bruaich aimhne mòire a thachair riutha. Bha ’n amhainn so cho leathann, agus a réir choltais, cho domhain ’s nach robh e sàbhailte dhaibh oidhirp a thoirt air a dhol tarsuinn oirre gus an éireadh a’ ghrian ’s am faiceadh iad àite freagarrach. Ann an ùine ghoirid thuig iad nach robh e’n comas dhaibh faotainn tarsuinn air an amhainn. O’n a bha iad cho sgìth an deigh na rinn iad de choiseachd, agus iad air dhroch cadal, o’n a dh’ fhalbh iad, stad iad ann an iomall na coille. An uair a ghabh iad biadh, agus a rinn cuid dhiubh greis chadail, thog iad orra, agus ghabh iad air an aghart suas ri taobh na h-aimhne. Cha deachaidh iad glé fhada air an aghart an uair a thòisich na fir a thug iad leotha gus an t-òr a ghiulan, agus gus an dìon o na robairean, ri cur rompa nach rachadh iad na b’ fhaide. Chuir so miapadh mòr orra; oir anns a’ cheud àite cha robh rathad aca air na bh’ aca dh’ òr a ghiulan leotha gun chuideachadh, agus a bharrachd air so, bha eagal orra nan tilleadh na daoine so air an ais gu’n tachrach na robairean riutha, agus gu’n innseadh iad dhaibh mu ’n déidhinn, agus gu’m biodh iad air an spùinneadh, agus ma dh’ fhaoidte air am mort. Ach ged a bha na fir a’ cumail am mach gu’n robh toil aca tilleadh, cha robh iarraidh sam bith aca air tilleadh. Is ann a bha iad air son tuilleadh tuarasdal fhaotainn; agus an uair a fhuair iad gealladh gu’n rachadh an tuarasdal a dhùblachadh dhaibh, dh’ aontaich iad gu toileach a dhol air an aghart. Cha robh ’choltas gu’m faigheadh iad tarsuinn na h-aimhne ann an aithghearrachd; oir ged a bha i ’fàs na bu chaoile mar a bha iad a’ dìreadh suas thun a bràighe, gidheadh bha ’n sruth cho bras ’s nach robh de mhisnich aca na bheireadh oidhirp air a dhol tarsuinn oirre. Mu dheireadh thòisich na h-eich ri toirt thairis, agus mar sin b’ éiginn dhaibh stad far an robh iad. Bha na thug iad leotha de bhiadh air ruith am mach, ged a bha iad ’g a chaomhnadh cho math ’s a b’ urrainn daibh. Bha gunnachan is fudar is luaidhe gu leòr aca, ach bha eagal orra urchair a losgadh air eagal gu’n cluinneadh neach sam bith iad. Ach an uair a bha iad air an tolladh leis an acras, agus gun fhios aca c’uin a ruigeadh iad àite anns am faigheadh iad biadh ri cheannach, b’ eiginn daibh oidhirp a thoirt air ni eiginn fhaotainn a chumadh beò iad. Aig an àm bheireadh iad gu toileach a chòig luachan air seòrsa bìdh sam bith a gheibheadh iad. Bu mhath an t-òr fhad ’s a gheibheadh iad biadh air a shon, ach as aonais a’ bhìdh cha deanadh an t-òr feum sam bith dhaibh. Bha iad ann gu léir dluth air fichead fear, agus cha b’e am beagan bìdh a shàsaicheadh iad aig an àm. Dh’ fhalbh deichnear dhiubh feuch an tachradh sealg riutha, agus dh’ fhan càch a’ gleidheadh an òir. Na ’m faigheadh iad sealg mu’n tilleadh iad feasgar, bu mhath; ach mur faigheadh bha iad suidhichte gu’m marbhadh iad fear dhe na h-eich agus gu’n itheadh iad e. Ghabh an deichnear so air an aghart le ceum cho cabhagach ’s a rachadh aca air a dheanamh, agus iad an dòchas gu’n tachradh sealg riutha; ach cha robh creutair a’ tachairt riutha. An uair a bha iad air thuar dùil thairis a thabhairt nach fhaigheadh iad sealg, thug iad an aire gn’n robh àth air an amhainn, agus gu ’n robh làthrach casan each is dhaoine eadar bruaich na h-aimhne agus a’ choill’ àrd, thiugh a bha faisge orra. Lean iad an làthrach so a steach do ’n cholle ged a bha na cridheachan air chrith aca leis an eagal. An uair a chaidh iad pìos math a steach do’n choille, thachair àite falaich riutha anns am biodh na robairean a’ stòradh an òir a bhiodh iad a’ toirt o na meinneadair- [TD 370] [Vol. 8. No. 47. p. 2] ean. Chunnaic iad leac aig bonn craoibhe, agus an uair a thog iad i, fhuair iad òr gu leòr foidhpe. Ghrad dh’ aontaich iad ’nam measg fhein gu ’n tugadh iad leotha an t-òr. B’ e Domhull an aon fhear nach robh deònach gnothach a ghabhail ris an òr; ach thuirt fear dhe na bha ’s a’ chuideachd, “Goid air an laimh a ghoid, sin mo chreud-sa.” Thog iad leotha na thachair riutha dh òr, agus dh’fhal’bh iad. Mu’n deachaidh iad ach ceum no dha air an aghart, thug iad an aire gu’n robh pios de chlosnach ainmhidh mhoir an crochadh air craoibh faisge orra. Bu mhò a rinn iad de thoileachadh ris a so na rinn iad ris an òr. Ged a bha ’n t-ainmhidh so àireamh laithean marbh, agus toiseach aig fàileadh breun ri tighinn as, thog iad leotha e, agus thug iad an casan as cho cabhagach ’s a b’ urrainn daibh. (Ri leantuinn.) SGEULACHDAN ARABIANACH. Nouredin agus Bean na Maise. CAIB. XII. An uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n iasg, sheall Nouredin air an righ, agus thuirt e ris, “Iasgair, cha d’ ith duine riamh greim eisg a b’ fhearr na ’n t-iasg so; chuir thu fo chomain anabarrach mor sinn.” Aig a’ cheart am chuir e a lamh ’na bhrollach, agus thug e am mach sporran anns an robh deich buinn fhichead oir—a’ chuid nach do chosg e dhe ’n da fhichead bonn oir a thug Sangiar, oifigeach an righ ann am Balsora, dha an latha ’bha e ’falbh. “Thoir leat so,” ars’ esan; “na’n robh an corr agam bheirinn dhut e gu toileach. Na’n robh eolas agam ort an uair a bha mi beairteach bheirinn dhut na chumadh suas thu fad uile laithean do bheatha. Na diult an tiodhlac beag so tha mi ’toirt dhuit, ach gabh e cho toilichte ’s ged a bhiodh e moran na bu mho.” Ghabh an righ an sporran, agus thug e moran taing do Nouredin. Agus an uair a thuig e leis a’ chudram a bh’ ann gu ’n robh aireamh mhath de bhuinn oir ann, thuirt e ris, “Cha ’n urrainn domh a bhith cho taingeil dhut ’s bu choir dhomh air son cho fialaidh ’s a tha thu rium, agus tha mi ’g am mheas fhein gle fhortanach gu ’m bheil gnothach agam ri duine cho fialaidh riut. Ach mu ’m falbh mi tha fabhar agam ri iarraidh, agus tha mi ’n dochas nach diult thu mi. Tha mi ’faicinn inneal ciuil anns an talla, agus tha sin a’ toirt orm a chreidsinn gu ’n teid aig a’ mhnaoi uasail air ceol a chluich. Na ’n comhairlicheadh tu dhi aon phort a chluich, dh’ fhalbhainn dhachaidh gle thoilichte; oir tha mi anabarrach toigheach air ceol.” “A bhean na Maise,” arsa Nouredin agus e tionndadh rithe, “tha mi ag iarraidh mar fhabhar ort gu ’n cluich thu port dhuinn, agus tha mi an dochas nach diult thu mi.” Ghrad rug i air an inneal chiuil air a chomhairle, agus an uair ghleusaich i e, chluich agus sheinn i fonn a thug mor thoil-inntinn do ’n righ. ’Na dheigh sin chluich i port no dha ann an doigh cho cinnteach ’s cho tlath ’s cho-fonnmhor ’s gu ’n robb cridhe agus inntinn an righ air an glusad le aoibhneas do-labhairt. An uair a stad Bean na Maise de chluich, thog an righ a ghuth, agus thuirt e, “An cuala duine riamh a leithid sid de ghuth! Am faca duine riamh eile a bheir barr air an laimh ud gu cluich air inneal ciuil! Cha chualas seinn agus cluich riamh a leith cho math sid.” Bha e mar chleachdadh aig Nouredin a bhith ’toirt gach ni a bhuineadh dha do dhaoine a bhiodh ’g a mholadh agus thuirt e, “Iasgair, tha mi ’tuigsinn gu ’m bheil meas mor agad air ceol; agus o ’n a tha ’n doigh anns an do chluich a’ bhean uasal a’ cordadh riut cho math, bheir mise dhut fhein i mar thiodhlac; agus thoir leat dhachaidh i.” Aig a’ cheart am dh’ eirich e o ’n bhord, agus chuir e ’fhalluinn uime, agus bha e ’dol a dh’ fhalbh ’s a dh’ fhagail Bean na Maise aig an iasgair ’s gun fhios sam bith aige gur e an righ a bh’ ann. Ghabh Bean na Maise ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic i mar a bha Nouredin a’ dol a dheanamh. Rug i air agus an uair a thug i suil bhlath air ann an clar an aodainn, thuirt i, “C’aite am bheil thu ’dol, mo thighearna? Suidh far an robh thu, tha mi ’guidhe ort, agus eisd ris na bheil mi ’dol a sheinn agus a chluich.” Shuidh e mar a dh’ iarr i air. An uair a rug i air an inneal chiuil agus a i air agus na deor a’ sruthadh le a gruaidhean, sheinn i ceathrannan a rinn i anns an am, leis an robh i a’ cur coire air a chionn e bhith cho suarach m’ a deidhinn ’s gu ’n robh e ’g a toirt seachad do Cherim, an t-iasgair. Chuir i sios a faireachduinean ’na leithid de dhoigh ’s nach tuigeadh an t-iasgair ciod a bha i a’ ciallachadh; oir bha araon i fhein agus Nouredin an an-fhios gu ’m b’e an righ a bh’ ann, agus nach b’e an t-iasgair. An uair a sguir i de chluich, chuir i an t-inneal ciuil uaipe, agus chuir i a neapaigin pocaid ri ’suilean a dh’ fhalach nan deur a bha i ’sileadh gu frasach. Cha d’ thug Nouredin freagairt mhath no olc oirre, agus leis mar a dh’ fhan e samhach, bha ’chuis coltach nach robh aithreachas sam bith air air son mar a rinn e. Chuir na chual’ e ioghnadh gu leor air an righ, agus thuirt e, “Mo thighearna, a reir choltais gur i do shearbhanta fhein am boirionnach og, maiseach, fiosrach, foghluimte a thug thu dhomhsa an drasta mar ghean math.” “Tha sin fior gu leor, a Cherim,” arsa Nouredin; “agus bhiodh moran a bharrachd ioghnaidh ort na tha ort nan innsinn dhut a liuthad mi fhortan a thainig ’nam rathad air a saillibh.” “Ah! guidheam ort, mo thighearna,” ars’ an righ, agus e ’leigeadh air fad na h-uine gur e iasgair a bh’ ann, “innis dhomh cuid dhe na nithean a thachair dhut.” O ’n a chuir Nouredin comain air ann an doigh no dha roimhe sid, cha robh dad aige an agaidh mion-chunntas a thoirt dha air gach ni a thachair dha. Dh’ innis e mar a fhuair ’athair, an uair a bha e ’na ard-chomairleach aig righ Bhalsora, ordugh boirionnach ro briagha agus ro fhoghluimte a cheannach do ’n righ; agus cha do dhichuimhnich e iomradh a thoirt air a h-uile rud a thachair dha o ’n am ud gus a’ cheart mhionaid anns an robh e ’labhairt ris an righ. An uair a chuir Nouredin crioch air a naigheachd, thuirt an righ ris, “C’aite am bheil duil agad a dhol a nis?” “Far an stiuir am freasdal mi,” arsa Nouredin. “Ma chreideas tu mise,” ars’ an righ, “cha teid thu na ’s fhaide na so fhein. An aite sin is ann a thilleas tu gun daìl do Bhalsora. Sgriobhaidh mise litir ghoirid a bheir thu do ’n righ an uair a ruigeas tu. Agus an uair a leughas e i, chi thu gu ’n gabh e riut le mor-chaoimhneas, agus cha dana le duine sam bith aon fhacal a radh ’nad aghaidh.” “A Cherim,” arsa Nouredin, “tha do bhriathran a’ cur annais gu leor orm. Cha chuala mi riamh gu’m biodh iasgair bochd mar a tha thusa ’sgriobhadh litrichean a dh’ ionnsuidh righ.” “Na cuireadh sin annas sam bith ort,” ars’ an righ; “oir feumaidh mi innseadh dhut gu ’n robh sinn le cheile air ar foghlum fo na h-aon mhaighistirean, agus gu ’n robh sinn riamh o ’n am ud ’nar cairdean cho dluth agus cho miadhail air a cheile ri dithis a bha riamh air an t-saoghal. Tha e fior gu leor nach do bhuilich am fortan an aon seorsa suidheachaidh oirnn; oir tha esan ’na righ, agus tha mise ’nam iasgair. Ach cha do lughdaich so an dluth chairdeas a bha eadrainn. Thairg e iomadh uair cuideachadh leam, ach bha mi an comhnuidh ’ga dhiultadh. Agus tha toileachadh mor agam ann a bhith ’creidsinn nach diult e cuideachadh a thoirt do aon sam bith dhe mo chairdean. An uair a ruigeas tusa e leis an litir chi thu gu ’m bheil mise ag innseadh na firinn dhut.” Dh’ aontaich Nouredin gu ’n deanadh e mar a bha an righ ag iarraidh air. O ’n a bha gach deisealachd a bha feumail gu sgriobhadh ri fhaotainn anns an talla, sgriobh an righ litir anns a’ mhionaid gu righ Bhalsora. Aig toiseach na litreach, dluth air oisinn a’ phaipear, chuìr e tri litrichean beaga a bha ciallachadh, “Ann an ainm an De uile throcairich,” gus a nochdadh gu ’m feumadh righ Bhalsora lan umhlachd a thoirt do ’n ordugh a bh’ anns an litir. B’ e so briathran na litreach: “Tha Haroun Alraschid, mac Mhandi, a’ cur na litreach sò gu Mahomed Sinebi, mac bhrathar athar. Cho luath ’s a ruigeas Nouredin, mac Chacain, an t-ard-chomhairleach nach maireann, agus a bheir e duut an litir so, agus a leughas tu i, cuiridh tu dhiot an fhalluninn rioghail, agus cuiridh tu uime i, agus cuiridh tu e gun dail ’na shuidhe air a’ chathair rioghail ’nad aite fhein. Slan leat.” Phaisg an righ an litir, agus sheulaich e i. Thug e do Nouredin i; ach cha d’ innis e dha ciod e ’bh’ innte. Thuirt e ris, “Bi falbh anns a’ mhionaid, agus thirig air bord na luinge a tha ’deanamh deiseil gu seoladh. Faodaidh tu cadal an uair a theid thu air bord.” Ghabh Nouredin an litir, agus gun dail sam bith dh’ fhalbh e, agus e am freasdal nam beagan bhonn airgid a thachair a bhith aige an uair a thug Sangiar an sporran dha. Bha Bean na Maise aig an am an impis a dhol glan as a ciall le tuirse a chionn e falbh, agus an uair a leig i i-fhein ’na sineadh air aon dhe na langsaidean, thoisich i ri gul ’s ri caoidh gu goirt. Is gann a bha Nouredin air a dhol am mach as an talla au uair a labhair Abraim, an deigh dha bhith roimhe sid gu tosdach ag eisdeachd ris na bha e cluinntinn, ris an righ, agus e fad na h-uine an duil gur e an t-iasgair a bh’ ann. An cluinn thu so, a Cherim,” ars’ esan, “thug thu da iasg g’ ar n-ionnsuidh a b’ fhiach fichead sgillinn, agus fhuair thu sporran lan agus searbhanta mhaiseach air an son. Ach am bheil thu ’smaoitean gu ’m bi sin agad uile dhut fhein? Tha mise ag radh riut gu ’m feum thu uiread de choir a thoirt dhomhsa air an t-searbhanta ’s a bhois agad fhein. Agus mu dheidhinn an sporran, seall dhomhsa ciod a tha ’na bhroinn. Ma ’s e airgiod a th’ ann, bheir mi dhut aon bhonn dheth; ach ma ’s e or a th’ ann, bidh e uile gu leir agam fhin, agus bheir mi dhut am beagan sgillinnean a th’ agam anns an sporran.” (A chum gu ’n tuigear na ’s fhearr mar a thachair ’na dheigh so, feumar ainmeachadh gu ’n do chuir an righ air falbh Giafar do ’n luchairt le ordugh ceathrar sheirbhiseach a thoirt leis agus trusgan rioghail, agus bha iad gu bhith ’feitheamh aig a’ phailliun gus an iarraidh an righ orra a dhol a steach. Rinn Giafar mar a dh’ aithneadh dha, agus bha e fhein ’s na seirbhisich aig an dorus gus an cuirteadh cuireadh orra). Ach gu tilleadh ris an naigheachd: “Cha ’n ’eil fhios agamsa,” ars’ an righ, agus e ’sior leigeadh air gur e [TD 371] [Vol. 8. No. 47. p. 3] iasgair a bh’ ann, “ciod a th’ anns an sporran. Ma ’s or no airgiod a th’ ann gheibh thusa an darna leith dheth. Ach mu dheidhinn na searbhanta, bidh i agam dhomh fhin. Mur bi thu riaraichte leis a so, cha ’n ’eil agad ach a bhith falamh.” An uair a chuala Abraim so bha corruich mhor air, o ’n a bha e ’smaointean fad na h-uine gur e iasgair a bha bruidhinn ris. Rug e air fear dhe na soithichean a bh’ air a’ bhord, agus dh’ fheuch e ris an righ a bhualadh anns a’ cheann leis. Ach o ’n a bha e air mhisg cha d’ amais e an righ. Bhuail an soitheach air a’ bhalla, agus chaidh e ’na mhile bloigh. An uair a chunnaic Abraim nach d’ amais e an righ bha an tuilleadh corruich air. Dh’ eirich e o ’n bhord, agus thug eleis coinneal, agus dh’ fhalbh anns an turraman sios air staidhre chuil a dh’ iarraidh slaite gus gabhail air an righ. (Ri leantuinn.) Na Marbhrannan. (Air a leantuinn.) B’e so, tha mi meas, brigh teagaisg “Oisean” Mhic Mhuirich, cha b’e chuir ri cheile e. B’e modh no doigh an teagaisg cliu an àm a dh’ fhalbh agus nan daoine treuna a bha. Seall ais na Dain fa seach. ’Se cheud sreath de “Chath-Loduinn.” “Sgeul ri aithris air am o aois.” agus tha’n sgeul a sin a’ toiseachadh. Tha “Carraig-Thura” a fosgladh le sealladh greadhnach air luidhe greine; agus tha Fionn ag iarraidh fonn o “Shonn nam Bard” mar so: A ghutha Chona, ’s airde fuaim, A Bharda tha luaidh mu aois, D’a n-eirich air ar n-anam suas Feachdan mor nan gorm-chruaidh laoch; ’S taitneach leam aoibhneas a’ bhroin, Mar dhriuchd mothar earraich chaoin Fo’n lub geug dharaig nan torr ’S an duilleach òg ag eiridh maoth. Togaibhse, mo Bhaird, am fonn Am maireach bithidh long fo sheol, &c. agus tha sin na Baird a’ togail an fhuinn. ’Se steigh “Charthuinn:” Sgeul ri aithris air am o aois; Gniomh’ran laithean nam bliadhna dh’ aom. Tha “Oigh-nam-mor-shul” a’ toiseachadh: Mar ghluaiseas solus speur fo sgleò Air Larmon mor is uaine tom; Mar sin thig sgeul nan triath nach beo Air m’anam ’us an oidhche trom. Ann an “Croma” tha Oisean aosda ag innseadh do Mhalmhina sgeul air linn oige: Eisd-sa ri mo shean sgeul, oigh; Tha mo chuimhne air oige nam buadh. A rìs anns an Dàn “Calthonn ’us Caolmhal” tha ’m Bard aosda a’ feoraich: An cluinn thu, shil na còs an craig, Fonn o Oisean mu òg ghniomh fein? Tha m’anam-sa mu’n aimsir mhoir; Thill solus ’us sòlas do thriath. Agus tha ’n Dan mu dheireadh ’s an leabhar a’ fosgladh mar so: An cuala Oisein guth neo-fhaoin? No ’n gairm laithean fo aomadh a th’ ann? Tric mo smuain air aimsir nan raon, Mar ghrein fheasgair tha claon an gleann. Nuadhaichear mor thorman na seilg, Sleagh fhada nam marbh a m’ laimh. Agus ma thiunndas sinn gu euchdan Chuchullin ’s Fhionnaghail mar a gheibhear iad anns an Dàn a th’ air ainmeachadh air Fionnaghal fein, gheibh sinn an teagasg ceudna. Tha na laoich a’ cruinneachadh gus a’ chath mar so: Chluinnte’ fuaim nan arm ’s gach ceum; Meaghal mhiolchon, ’cleasadh ard; Duain ’g am muchadh anns gach beul, Gach curaidh treun ag iarraidh blair. An deigh a’ bhlair tha ’m Bard a seinn cliu nan laoch a thuit ’s a’ chomhrag: Bi deurach air carragh nam fuaim, A nighean uasal innis nan long; Lub do ghnuis aluinn thar chuan, Thusa, is gloine na taibhs’ air thom, A dh’ eireas suas gu mothar, mall Mar ghath greine air samhchair nam beann; Thuit, ghrad thuit e ’s a’ bhlar, Tha oig-fhear do ghraidh gun tuar o lainn Chuchullin bu shar, (Ciod dh’fhag thu cho bàn ’s cho fuar?) Gha ghluais e gu cruadal gu brath, Cha bhuail e fuil ard nan saoi; Thuit Treunfhear, og Threunfhear, gu bàs, Oigh, cha’n fhaic thu do ghradh a chaoidh; Tha mhiol-choin a’ caoineadh gu trom Aig baile, ’s chi iad a thaibhse; Tha bhogha gun taifeid ’s e lom: Air tom tha farum a bhlair. An uair a tha ’n oidhche teachd, gun fhios fathasd co taobh a bhuannaichd, tha Cuchullin a’ cur a’ Bhaird a thoirt cuireadh d’a namhaid thun na feille, oir ’S fhada fiadh Lochlin o’n laoch, A thalla faoin is fada thall. Chaidh an cuireadh a dhiultadh. An uair a tha ’n fheill seachad, tha ’n righ a’ toirt aithne do’n Bhard: A Charuill, tog do ghuth gu h-ard Air gach linn a bh’ ann nach beo; Caithear oidhche ann am min dhàn; Faighear gairdeachas ’s a’ bhron. Tha Carull ag innseadh sgeul air Cairbre ’s air Cridhmor. An uair a tha i criochnaichte: “’S binn do ghuth, a Charuill, dhomh fein,” Thuirt triath Eirinn bu ghuirme suil; “’S binn d’ fhocail, a’ Bhaird, ’s a’ bheinn Ag eirigh o àm nan cliù; Iad cosmhuil ri braon nan sian ’N uaìr sheallas a’ ghrian air raon, Caol fhaileus a’ siubhal air sliabh, ’S an osag gu mall ’us gu caoin.” An sin chaidh faire chur air coigrich a chuain; agus “Luidh sloigh air aomadh fraoich Fo reula ’s gaoth na h-oidhche; Tanais churaidh thuit ’s a’ bhlàr Neoil ghruamach mu’n cuairt a’ snamh; ’Us fada thall air machair Lena Chluinntear eigh a’ bhais.” Mar so tha cheud Duan de “Fhionnaghal” a’ criochnachadh. Is co-ionann teagasg do’n Bhardachd oirdheirc so g’ a crich; agus tha mi meas gur mor an call air iomadh doigh nach ’eil oigridh na Gaidhealtachd na’s eolaiche oirre na tha iad. Ged nach ’eil “Seann Dana” Mhic-a-Ghobhainn a’ nochdadh, ma dh’ fhaodte, neart ’us cumhachd inntìnn cho mor ri “Oisean” Mhic-Mhuirich, tha cuid de na Dain, agus gu sonruichte cuid de na Marbhrannan, a bheir barr, ann am fior mhaise, a reir mo bheachd, air aon a gheibhear anns an t-saothair is ainmeile. Ann an “Dan an Deirg,” gheibhear, ma ’s maith mo bharail, an dà “Chumha” is maisiche agus is druightiche, ann an cainnt agus an smuain, a gheibhear an Gaidhlig. ’Se sin “Tuireadh Armhoir” agus “Caoidh Chrimine. Thuit Armor air ceann an airm Lochlainnich ann an Eirinn agus so mar a sheinn an seana Bhard a chliu: Bha d’ airde mar dharaig ’s a ghleann, Do luas mar iolair nam beann, gun gheilt; Do spionnadh mar osann Loda ’n a fheirg, ’S do lann mar cheo Léige gun leigheas. O! ’s moch do thuras gu d’ neoil, Is og leinn, a laoich a thuit thu! Co dh’ innseas do ’n aosda nach beo thu, No co do d’ og-mhnaoi bheir furtachd? Chi mi d’ athair fo éire aois’, Gu faoin an dochas ri d’thigheachd; A làmh air a shleagh ’s i air chrith, ’S a cheann liath lom, mar chritheach ’s an t-sin. Meallaidh gach neul a dhall-shùil. ’S e ’n dùil gu’m faic e do bhàrca. Thig deo gréin’ air aghaidh aosda, ’S a ghlaodh ri oigridh—“Chi mi ’m bàta!” Seallaidh a chlann a mach air lear, Chi iad an ceathach a’ seoladh. Crathaidh esan a cheann liath; Tha osna tiamhaidh ’s a ghnùis bronach, Chi mi Crimin’, a’s fiamh-ghàir’ oirr’, A’ saoilsinn bhi air tràigh ’g ad fhaicinn A bilibh ’n a suain a’ cur failt’ ort, ’S i le gàirdeinean aite ’g ad ghlacadh, Och! og-bhean, ’s faoin do bhruadar; An t-uasal gu brath cha’n fhaic thu! Fad o dhachaidh thuit do ghràdh, An Innis-fàil fo smal tha mhaise. Dùisgidh tus’, a Chrimine, ’S chi thu gu’n robh d’ aisling mealltach, Ach c’uin a dhùisgeas esan o shuain, No bhios cadal na h-uaighe crìochnaicht’? Fuaim ghaothar no buillean sgiath Cha chluinnear ’n a chriadh-thigh caol; ’S a dh’ aindeoin gach iomairt a’s seilg, Caidlidh ’s an leirg an laoch. A shil na leirg’ na feithibh an treun! Guth sèimh na maidne cha chluinn e; ’S a shil nan sleagh, na h-earbaibh á chomhnadh! Cha dean eighe-comhraig a dhùsgadh, Beannachd air anam an laoich! Bu gharg fraoch ri dol ’s gach greis, Ard-righ Loi’eann, ceann an t-sluaigh, ’S iomad ruaig a chuireadh leis! Phos Crimmine, Ban-Lochlannach, an Dearg; agus a chum a gaol a dhearbhadh dh’iarr Conan crion, maol, rosadach gu’n rachadh an Dearg a shuaineadh ann am fuil tuirc, agus a thoirt dhachaidh ann an riochd mairbh. Rinneadh so; agus chaoidh Crimine a fear: O thaibhse, bho àirde nan nial Cromaibh a dh’ iarraidh ur Deirg! A’s thigibh, òighean an Tréin, o’r talla, Le ùr-fhalluinn leibh do ’m ghràdh; C’uime Dheirg, an robh ar crìdh’ Air an snìomh co dlù ’n ar com? A’s c’uim’ a spìonaadh thus a uam, ’S an d’fhàgadh mise gu truagh trom? Mar dha lus sinn ’s an drùchd ri gaire, Taobh na creige ’m blàs na greine, Gun fhreumh air bith ach an aon, Aig an da lus aobhach aoibhinn. Shèun oighean Chaothain na luis, Is boidheach leo fhein am fàs! Shèun a’s na h-aighean eutrom; Ged thug an torc do aon diu ’m bàs, Is trom, trom, ’s a cheann air aomadh; ’N t-aon lus faoin tha fathasd beo, Mar dhuilleach air seargadh ’s a ghrein— O! b’ aoibhinn bhi nis gun deo! A’s dh’iadh orm oidhche gun chrìch Thuit gu sìor mo ghrian fo smal. Moch bu lannair air Mor-bheinn a snuadh Ach anmoch chaidh tual an car. ’S ma threig thu mi, sholuis m’ àigh! Tha mi gu là bhràth gun ghean. Och! mur éiricb Dearg o phràmh Is duibh-neul bràth a bhean! ’S duaichnidh do dhreach; fuar do chridh’; Gun spionn ad laimh, no clì ad chois. Och! ’s balbh do bheul a bha binn; Och! ’s tinn leam, a ghràidh, do chor! Nis chaochail rughadh do ghruaidh, Fhirnam mor bhuadh anns gach cath! ’S mall, mar na cnuic air ’n do leum, A’ chas a chuir éilde gu stad. A’s b’annsa Dearg seach neach fo ’n ghréin! Seach m’ athair deurach, ’s mo mhàthair chaomh. Tha’n suil ri lear gu tric ’s an éigheach; Ach b’ annsa leamsa dol eug le m, ghaol, A’s lean mi ’n céin thar muir a’s glinn thu ’S laidhinn sinte leat ’s an t-sloc; O! thigeadh bas no torc do’m reubadh, Neo ’s truagh mo chàramh féin an nochd, A’s rinneadh leaba dhuinn an raoir, Air an raon ud cnoc nan sealg; ’S ni’n deanar leabair leth an nochd dhuinn ’S ni’n sgarar mo chorp o Dhearg! Tuirlibh, o thaibhse nan nial, O ionadan fial nan flath. Tùirlìbh air ghlas-sgiathan ur ceo A’s glacaibh mo dheo gun athadh Oighean tha ’n tallaibh an Tréin, Déilbhibh ceo-éideadh Chrimìne; Ach ’s annsa leam sgiobul mo Dhearg; A’ d’ sgiobuls’, a Dheirg, bìom. Chuir e uair no dhà ioghnadh orm mu’n dà Mharbhrann, ma dh’ fhaoidte is fearr a tha againn, gur ann do Lochlannach a rinneadh an dara aon, agus gur ann am beul Ban-Lochlannach a chuir an Bard an t-aon eile. Cha’n eil sinn a nis cho deas a thoirt a leithid so de urram d’ ar naimhdean Saoilidh mi gu bheil am Bard a’ nochdadh a thuigse agus a chomais anns an tuireadh throm, fhearail a tha e deanamh air an t-saighdeir; agus anns a’ chaoidh chraiteach, ghoirt a tha e ’cur am beul na mnà. Mur biodh fios gur i a Chrimine a lean Armor á Lochlainn agus, an uair a thuit e, “A rinn a leaba gun luadh ri eirigh,” a luidh goirid ’na dheigh sin marbh ri taobh an Deirg, bhiodh m’ earbsa á dilseachd nam ban na bu mho; ach is ni-eigin de thoilinntinn gu bu Bhan-Lochlannach agus nach bu Bhana-Ghaidheal Crimine. D. Mc K. Tha luchd-creic us ceannach Union Blend Tea ag aideachadh gur h-i luach a’s fhearr. Agus tha iuchair anns gach pasg puinnd. Tha na mathain a deanamh sgath mor am measg nan caorach an ceann a tuath siorrachd Victoria. Cha’n eil bliadhna dol seachad gun call mor a bhi air a dheanamh leis na béisdean so, agus ’s bochd an gnothuch nach eilear a’ faotainn cur as daibh gu buileach. Chaidh pàisde nighinn d’am b’ainm Leo Cochlin, aois choig bliadhna, a mharbhadh ann an Sidni Tuath feasgar Di-ciaduin. Chaidh ruith thairis oirre le carbad da each, ’s na h-eich air eagal a ghabhail romh fhideag aon de na bàtaichean-aiseig. [TD 372] [Vol. 8. No. 47. p. 4] MAC-TALLA: Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain. “Is toigh leinn a’ Ghailig, A bardachd ’s a ceol; Is tric thug i nios sinn ’Nuair bhith’maid fo leon: ’S i dh’ ionnsaich sinn trath Ann an laithean ar n-oig, ’S nach treig sinn gu brath Gus an laidh sinn fo n fhod.” —BARD NA LEADAIGE. “Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas dhut Nach diobair thu ’sa bhlar; Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth. ’Sa bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth Gun teid do chur gu bas.” —NIALL MAC LEOID. A PHRIS. BLIADHNA, $1.00 SIA MIOSAN, .50 TRI MIOSAN, .30 Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiscach na bliadhna. Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:— 1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir. 2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut. 3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu PUBLISHERS “MAC-TALLA,” SYDNEY, CAPE BRETON. DI-HAOINE, IUN 29, 1900. Uallaichean Troma. NAIGHEACHD AIGHEARRACH. “Tha a smùdan fhein a ceann gach foid.” Tha ’ullach, no ’chrois fhéin aig gach aon r’ a ghiùlan: agus is ainmic a gheibhear duine nach ’eil gearanach mu ’chuis—seadh, farmadach r’ a choimhearsnach, ’s ag ràdh “Mur biodh a dh’ uallach orm ach na tha airsan bhiodh mo cheum eutrom, us mo chridhe sunndach gach latha” Bha e mar so o thùs: agus tha na Greugaich a’ cur an céill am beachd air leis an sgeulachd a leanas. Bha Iupiter—an t-àrd dhia acasan—air a chlaoidh ag éisdeachd ri sìor-ghearan dhaoine mu na h-uallaich a chàirich e orra; ’s a h-uile fear a’ miannachadh cor fir-eigin eile. Mu dheireadh dh’ iarr e air sluagh mòr dhiubh tighinn ’n a làthair, agus an eallachan a’ thilgeadh dhiubh air faiche fharsuinn réidh a dh’ ainmich e. Thainig iad ’n an ruith ’s ’n an deann ruith, agus ann an tiota bha gach uallach gu làr. An sin thubhairt e riu gach aon a thaghadh na h-ealacha a bu roghnaiche leis. Rinn iad sin, agus dh’ fhalbh iad làn dòchais, agus taingealachd. Ach an ùine glé ghoirid bha fear us fear a’ tilleadh, ag iarruidh na seann eallacha; agus mu-n tàinig ceann na bliadhna cha robh gin diubh nach d’ rainig air an turus cheudna, uile ag éigheach gu-n robh gach aon mòran na b’ fhearr dheth le eallaich fhein na le té a choimhearsnaich, agus a’ grìosad gu-m faigheadh e a chrois fhein air a h-ais. Cunnaic mi o chionn ghoìrid sgeul beag Frangach a’ soilleireachadh an ni cheudna, agus ged a tha e car àbhach, tha mi am beachd gur fhiach e ’eadar-theangachadh, ’s a chur sìos. Bha ann am baile àraidh de ’n Fhraing duin’ uasal d’ am b’ ainm “Lelong” aig an robh mòran thighean a bha e a’ suidheachadh air tuath. Am measg a thuathanach bha seann saighdear d’ am b’ ainm “Duval” a chaill a chas ann am blàr, agus aig an robh, mar bu dugh, saor-dhuais—“pension,” no “Sealsi”*mar a chuala mi air a radh ris o chionn fhada ’s a Ghàidhealtachd. Bha esan, mar a bhios an deadh shaighdear daonnan, riaghailteach, cinntech anns gach dleasnas, ’us ghleidh e an latha ’s an uair gu mion ann am pàigheadh a mhàil. Bha coimhearsnach aige ris an abairteadh “Tardif;” duine car dùr, doichiollach ’n a nàdur, agus glé leisg ’n a dhòigh. Cha ghleidheadh esan a latha aig àm air bith, ’us an uair a rachadh e le earran de’n mhàl cha robh e ach ag iarraidh dàil ’us isleachaidh gun stad, ’s ag ràdh leis a’ h-uile crois ’us càs a bha ’tighin ’n a charadh nach b’ urrainn da am màl a phaigheadh. “Nach faic thu, mar a tha do choimhearsnach “Duval” a’ deanamh?” thubhairt fear na h-aitreibh. “‘Duval!’ Beag buidheachais dha. Nam bithinn-sa mar a tha esan le saor-dhuais o’n arm phàighinn co maith ris fhéin,” ’s e fhreagair e. “Cha’n ’eil a dhuais ach gle bheag, agus is goirt a choisin e i, an duine bochd, a bhi air lethchois fad a bheatha,” thubhairt am fear eile. “Is mi a bheireadh gach cas ’us làmh a tha agam nam faighinn prìs co maith orra ’s a fhuair esan air an aona chois. Tha mi ann an cor searbh dheth: ach ’s e ’m màl crois a’s truime a tha orm gu leir,” fhreagair “Tardif.” Bha “Lelong” ’n a dhuine geur, smaointeachail, agus bha beagan feala dhà ann; mar sin thubhairt e “Mata bheir mise dhiot a’ chrois trom sin air son crois glè eutrom ma thogras thu.” “’S mi a thogras; ciod i”? fhreagair easan. Ghabh “Lelong” crioman cailce ’n a làimh. “Leig leam da stiall le so—crois gheal—a chur air druim do chota, cuir ort e a’ h-uile latha ciod air bith a bhios tu ’deanamh: agus fhad ’s a ni thu sin gheibh thu do thigh saor—cha ’n iarr mise peghinn mhàil ort.” “Mile taing dhuibh. Is sibh a tha fial, agus rinn sibh duine sona dhiomsa,” fhreagair e. Chuireadh an comharradh air a dhruim, agus dh’ fhalbh e gu h-aighearach, sunndadh. Ach is gann a ràinig e a dhachaidh an uair a ghlaodh bean an tighe, “A dhuine, rinn cuid de ’r companaich droch cleas oirbh. Tha crois gheal, troigh am fad, air cul ’ur còta; stadaibh gus an glan mi e.” “Cha ghlan thu fhein, leig leis mar a tha, ’s e sin mo thoil-sa,” thubhairt esan gu gnù. “Cha leig mi,” thubhairt ise. “Cha’n ’eil mise ’dol a dh’ fhulang gu’m bi fear mo thighe ’n a chulaidh mhaghaidh feadh a’ bhaile.” ’Us thug i ionnsaidh air a chòta a shuathadh. Thàinig iad gu crosdachd ’us trod mu’n chùis. Agus mar is ann aice-se ’bha an teangadh a bu sgaitiche ghabh esan an ruaig. Leum e mach air an dorus, an duil gu-m faigheadh e sith an sin. Ach cha b’ fhada a chaidh e air aghaidh an uair a ghlaodh an gobhainn ris, “Stad, stad, fhir mo chridhe. Rinn cuid eigin prat mhi-mhodhail ort. Tha stiallan grannd’ air do chota. Chruadhaich e a cheum gun fhacal a fhreagairt. Ach a thiota thubhairt fear eolais eile ris “Ciod an suaicheantas iongantach a tha ort an so, a ghoistidh?” “D é sin duit-sa? Thoir an aire air do ghnothaichean fhéin,” thubhairt esan gu fearagach. Ach cia b’e taobh a ghabhadh e bha an éigh as a dheaghaidh. “Chuir bean an tighe comharradh air, eagal as gu’n rachadh e air chall,” ghlaodh aon ris. “Cha’n e sin a th’ ann’ thubhairt fear eile “ach tha an duine air tionndadh gu cràbhadh. Tha e a’ dol air thurus do’n Ròimh, ’us chuir e suas crois a Phàpa.” Dh’ fhalbh e, a’ cur roimhe nach tugadh e feairt air ni a theirteadh ris, ’us gu’n tugadh a bhi saor o’n mhàl comhfhurtachd a bu leoir gu a ghleidheil a suas. Cha deanadh e feum; cearn air bith a thionndaidh e a cheum, bha gaire magaidh ’n a chluasan, bha gach aon a toirt tearrachd air chor-eigin air. Mu dheireidh, ’us e ach beag air a bhreith as eadar nàire ’us feirg, ruith e ’n a dheannan air ais gu a thigh fhein. Shuath e a’ chailc bharr a chota. Thug e leis airgiod, agus bhuail e gu tigh mòr Lelong. “Sin agad do chuid màil. B’ fhearr leam a dhioladh tri uairean na bhi ’fulang na sgeig ’us na truaighe a tharruing do chrois dhona orm.” “Direach! Bha fhios agam gur ann mar sin a bhitheadh e,” fhreagair maighstir an tighe gu socrach. “Ach bha toil agam beagan gliocais a theagasg dhuit. Tha á chrois trom, no eutrom a reir inntinn an fhir a tha ’g a giùlan. Tha a’ dheuchainn agus ’uallach fein aig gach aon. Ma tha sinn a leirsinn gur e an Ti uile-ghlic agus uile-ghràsmhor a shònraich iad air ar son, agus sinn a’ dol riutha le spiorad striochdta, foighidneach, fearail, neartaichidh E Féin sinn agus cha dochainn iad sinn. Ach ma tha sinn a’ dol gu frionas, gu gearan, ’us farmad, cuiridh an eallach a’s suarraiche gu làr sinn, dìreach mar a rinn cor ‘Duval,’ agus a’ chrois-chailc’ ortsa.” Sin an sgeulachd Frangach. Is minic a tha feum againn air beachdachadh air an fhirinn a tha ann.—Highland News. Merchants’ Bank of Halifax. CORPAICHTE 1869. EARRAS PAIGHTE $1,891,910.00 AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00 Luchd-Riaghlaidh: Thomas E. Kenny, Ceann-suidhe. Thomas Ritchie, Iar-Cheann-Suidhe. Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon. Daibhidh Mac Iain. Ard-Oifis—HALIFAX. D. H. DUNCAN, Ard-Fhear-Gnothuich. Meur-Oifis ann an SIDNI. J. E. BURCHELL, Fear-Gnothuich. Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha Banc-Caomhnaih. ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha. WONDERFUL RESULTS OF THE New York Life Insurance Co.’s Policies. MR. E. AZULAY, Agent the New York Life Insurance Co., Sydney Hotel, Sydney, C. B. DEAR SIR: The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9.00 to $12.00 per $1000, and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free. Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere? Yours truly, THOS. A. BUCKNER, Superintendent of Agencies Manufacturers Life Insurance Company. ARD-OIFIS.—Toronto, Canada. CEANN-SUIDHE: Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto. Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich, A. G. BAILLIE, Port Hastings, C. B. L. L. GULLIVAN, Agent, Sidni. M. LEBETTER, Agent, Sidni Tuath. Are You Deaf?? All cases of DEAFNESS or HARD-HEARING are now CURABLE by our new invention: only those born deaf are incurable. HEAD NOISES CEASE IMMEDIATELY. Describe your case. Examination and advice free. You can cure yourself at home at a nominal cost. Dr. Dalton’s Aural Institute, 596 La Salle Ave., CHICAGO, ILL. [TD 373] [Vol. 8. No. 47. p. 5] NAIGHEACHDAN. Chaidh duine ghlacadh ann an London, Ontario, an la roimhe, aig an d’ fhuaireadh innealan air son crùinneadh airgead meallta. Fhuair e da bhliadhna gu leth dhe’n tigh obrach. Tha a’ phlàigh an deigh bristeadh a mach ann an Australia; bha mu dha cheud gu leth air am bualadh latha cheana, agus dhiubh sin chaochail còrr us ceithir fichead. Ach tha an galar a nise, a reir coltais, a dol air ais. Oidhche na Sàbaid s’a chaidh, aig àite ris an canar McDonough, faisg air Atlanta, an staid Georgia, chaidh na carbaid iaruinn bhar an rathaid, ghabh iad teine, agus bha coig duine deug air fhichead air am marbladh no air an losgadh gu bàs. Cha d’ fhuair ach àireamh gle bheag dhiubh-san a bh’ air bòrd as le ’m beatha. Tha aig gach Sineach a thig do Chanada ri leth-cheud dolair a phàigheadh an tigh na cusbuinn mu’m faigh e cead fuireach. A dh’ aindeoin sin tha barrachd dhiubh a tighinn ’sa tha n luchd-riaghlaidh a meas a tha a chum math na dùthcha, agus tha a chis a nise ri bhi air a h-àrdachadh gu ceud gu leth dolair am fear. Tha bill air son sin a dheanamh fa chomhair na h-àrd-phàrlamaid. Chaidh fear Seumas Mac Gill-fhaollain a ghoirteachadh gu dona oidhche Di-satharna sa chaidh, le buille fhuair e ’sa cheann o fhear ris an robh e a connsachadh. Fhuair am fear a thug a bhuille dha teicheadh, agus cha’n eil fhios co e, ach tha na maoir a feuchainn ri ’lorgachadh a mach. Bha Mac Gill-fhaollain gle iseal fad latha no dha. Chaochail Diùc Wellington, ogha do’n Diùc ainmeil a rinn an gnothuch air Bonaparte, ann an Sasunn air an 8 mh latha dhe’n mhios so. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois, agus bha e ’na Dhiùc o’n bha eochd bliadhna. Bha e ’na dhuine anabarrach socair, sàmhach; cha d’ thug e ionnsuidh air labhairt ann an tigh nam morairean riamh ach aon uair, agus an uair sin fhéin, cha do labhair e aon fhacal! Dh’ fhàgadh dileab muillion dolair aig nighinn òig Innsenaach ann an Texas o chionn ghoirid le fear Iain Dillon, a bha na fhear-togail cruidh ’san staid sin. ’Se b’ aobhar dha a dheanamh, gu’n do shàbhail a chaileag a bheatha dha uair a thugadh ionnsaidh air le fear a bha air ti a mhort. Tha seachd bliadhna uaithe sin, agus cha robh a’ chaileag aig an àm ach seachd bliadhna dh’ aois. Tha i nise ri bhi air a foghlum ’s air a togail le mor chùram. Is nighean cinn-feadhna na tréibhe i. Bha tiormachd mhor ann am Manitoba air an t-samhradh so, agus bha e aon uair coltach gu’m biodh am bàrr air a chall gu buileach. Ach shil uisge trom ann air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha adhartas mor air tighinn air gach seòrsa barra. Thatar a’ meas a nise nach bi an crithneachd ach mu’n treas cuid na’s lugha na b’ àbhaist. Anns an Iar Thuath, bha uisge gu leòr a sileadh o’n thainig an samhradh, agus tha am bàrr ag amharc anabarrach math. Tha a’ chùirt mhor ’na suidhe anns a’ bhaile air an t-seachdain so. Tha còrr us fichead càs m’a coinneamh, ach ’se ’s dòcha nach urrainnear a’ chuid mhor dhiubh fheuchainn aig an t-suidhe so. Tha àireamh de’n luchd-obrach air Belle Island air seasamh a mach agus an deigh seilbh a ghabhail air gach ni mu’n obair. Tha an t-àite fad air chùl, agus bha e mar sin siorbh dhaibh an dòigh fhéin fhaotainn. Chaidh leth-cheud maor a chur ann á St. John’s, toiseach na seachdain sa chaidh, agus tha dòchas gu’n teid aca sin air sith a dheanamh an ùine ghoirid. Honour Among Thieves. LE DONULL MAC CALUM. Na ’m b’e ursgeul a bhithinn a sgriobhadh chumainn Loirean bochd, mar dh’ fhàg an Siora e, “gun smal air a theasdas,” ach ann a bhi dìleas do’n eachdraidh, feumaidh mi innseadh gu’n deachaidh a ghlacadh a sealg an fhéidh, a dhiteadh, agus a phriosanachadh fad tri fichead là. So mar a thachair e dha. Air duais nach bu bheag—ceud punnd Sasunnach—ghabh Caomhan as laimh do Chaptain Goblets gu’n cuireadh e na poachers na làmh a glacadh an fhéidh, agus rinn e féin agus an Gille Bàn a suas eadar riu gu’n roinneadh iad an duais, a leth do gach fear air chunant gun innseadh an Gille Bàn do Chaomhan an là bhiodh e féin agus Loirean a sealg an fhéidh air Beinn-a’-Chladaich ’s gu ’m bitheadh iad le chéile air an glacadh le Captain Goblets. Rinn an Gille Bàn gu dìleas mar a gheall e, agus chaidh e féin agus Loirean a ghlacadh, a dhiteadh, ’s a phriosanachach. ’Se sin na bhuineadh dhomh, gu coramach a sgrìobhadh ’s an earrann so, ach, o’n a chuir mi ann am beagan fhacal e, innsidh mi dhuit mu’n taing a fhuair an Gille Bàn air son a shaothair a cheilg ’s a pheanas. Air dha tigh’nn o’n phriosan chaidh e, os ìosal, far an robh Caomhan a dh’ fhaotainn leth na duais, a réir na cùnant, agus ’nuair a chuir e oiseanachd an céil dha, so mar thuirt Caomhan ris,—“A Iùdais Iscariot, nach ’eil gu leòir de pheacadh air do cheann do chompanach a bhrath thairis do làmhan na nàimhdean gun duais a ghabhail air a shon? Leth cheud punnd Sasunnach! ha! ha! ha! Mur bi thu am mach às m’ fhianais ann an leth mionaid cuiridh mi na coin riut. A Chaomhain, a Chaomhain, na’m b’e briseadh ’fhacail ris a chealgaire so am peacadh bu mhotha de ’n robh thu ciontach b’ ualach a laidheadh iad air do shlinnean. Cha’n ’eil thu gu’n bhràithrean agad. Is aithne dhomh gu leòir tha’n daimh riut—daoine ni gu math ’n uair phaigheas sin gu math dhoibh, ach air a bhann sin a cheart cho toilichte ni’n eucoir. Fhuair sinn an diugh 500 Paidhir de bhrogan fhirionnach Dong. Bals. Luach airgeid cho math ’sa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1.25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1.40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonn ’sa dh’ uachdar. Tha prisean ar ’n aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn. Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne dhe’n t-seorsa ’s fhearr, ’s dhe’n deanamh a’s uire ’s a’s fasanta. H. H. Sutherland & Co. Stor Airgeid na h-aon Phrise. SYDNEY CASH STORE. Soithichean Creadha agus Sina dhe gach sorsa aig, J. C. MILLS, - - - Sidni. Ma tha thu air son Carbad Fasanta bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig F. FALCONER & SON. Buggies, Phætons, Expresses agus Road Carts. Tha’n Acuinn againn cuideachd. Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn. F. FALCONER & SON, Luchd-reic Charbad. Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B. [TD 374] [Vol. 8. No. 47. p. 6] A’ Mhaighdeann Lochlunnach. Bhasaich clann Alastair III, uile roimhe féin. Bha a nighean Mairireat, air bhi posd’ aig Eiric, mac righ Lochluinn, air lorg còrdaidh a rinneadh eadar an dà rioghachd ’an àm nasgaidh na sìth’ an déigh blàr Làirg. Thàinig Eiric an déigh sin gu bhi na rìgh air Lochlunn. Ach bi aon nighean a bh’ aig ban-righ Mairireat air an robh a h-ainm féin. Bhàsaich Prionns’ Alastair, mac an rìgh, an déigh tighinn gu fearachas, agus ged a bha e pòsda cha d’ fhàg e duine cloinne. Cha bu luaith’ a chual a phiuthar, ban-righ Lochluinn mu bhàs na dh’ fhàs i fein tinn, ’us bhàsaich i goirid an déigh sin. Cha robh, mar so, duine beò dheth ’n teaghlach rioghail ’n uair a dh’ fhalbh an righ ach an aon ogha nighinn a bh’ aig an Lochlunn. Chaidh a bhan-phrionnsa sin éigheach ’na ban-righ Alba gun dàil an déigh bàis a seanar, ’s gun i ach ochd bliadhn’ a dh’ aois. ’S i ’Mhaighdeann, Lochlunnach a theirear rithe mar is tric’ an eachdraidh. Chuireadh luingeas ’an òrdugh air son a toirt a nall gu rioghachd a sinnsir. Bha Sir Michel Scot, duine ro chliuiteach, ’na aon de na cùirt-theachdairean a bha ga coimheadachd a nall thar chuan. Aig an àm so bha duine ro “shaoghalta, dàn” air righ-chaithir Shasuinn, Eideard I. B’ esan bràthair seanar Maighdeinn Lochluìnn. Bhiodh e’n tràths ’us a ris a’ tilgeadh sùil dhéigheil a nall air Alba. Bha ’cheud oidheirp a thug e air Alba a cheangail ri ’rioghachd féin, laghail gu leòir na ’m biodh e air soirbheachadh leis; be sin cùmhnant pòsaidh a dheanamh eadar a mhac féin ’us ban-righ òg Alba, agus i fathast ’s an tìr ’s an d’ rugadh i. Ach ’s e bha ’n sud cùmhnantachadh dhaoine, ’s ged bu daoine cumhachdach iad, cha robh cumhachd ac’ a bheireadh an rùintean gu crìch. Ged bu leanabh rioghail, agus ro mhùirneach ’s an àm ud a bha ’n Lochlunn, bha i co buailteach do thrioblaid ri leanabh eile. Chaidh gach ni gu maith leis na teachdairean Albannach gus an d’ ràinig iad Acru a tighinn air ais. Dh’ fhàs a bhan-phrionnsa tinn, ’s bhàsaich i ’n sin. Bha rioghachd Alba gun oighre, ach feadhainn a bha fad as, ’s c’àit a nis an robh cumhachan rìgh Shasuinn. Shaoileadh daoine gu’n leigeadh Eideard dheth a dhùil ri Alba fhaotainn tuilleadh. Ach cha b’e sin fear a bh’ ann. Tha e air a shamhlachadh le cuid de luchd-eachdraidh ris an rìgh air a bheil an sgriobtur a’ labhairt, “a’ mheudaicheas a mhiann mar ifrinn agus a tha mar am bàs, agus nach urrainn a bhi air a shàsachadh, ach a chruinnicheas thuige féin na h-uile shlòigh.’ Bha e, goirid roimh sud an déigh na Ueilsich a cheannsachadh, agus an rioghachd bheag ac’ a chur ri rioghachd Shasuinn. B’iadsan sliochd ceud luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a deas, a bh’ air am fuadachadh leis na Sacsonaich do oisinn an iar-dheas na dùthcha, mar dh’ ainmicheadh cheana, agus a chuir suas prionnsa dhiubh féin os an ceann, ’s a sheas mar rioghachd, le’n laghannaibh ’s an seana chainnt féin ré còrr is ochd ceud bliadhna gus an do chuir Eideard so ’na cheann an ceannsachadh. An déigh dha buaidh fhaotainn orra ’an cogadh, dh’ fhàisg e uatha cumhachan cruaidhe; agus an ùine ghoirid dh’ éignich e iad le fòirneirt gus na cumhachan sin a bhriseadh, agus éiridh ’an ceannairc ’na aghaidh. Chaidh e’n sin a mach nan aghaidh le feachd cumhachdach leis an do sgap e o chéil’ an armailt-san. Fhuair e ’n làimh ’us chroch e Liu-ellen, am prionnsa, agus rinn e ’ni ceudna air a’ mheud de’n cuid bàird ’s air an d’ fhuair e greim a chum ’s nach biodh iad le’m bàrdachd a’ cumail suas misneachd an luchd-dùthcha, le bhi seinn gniomharan euchdaidh an sinnsireachd. O’n àm so tha Ueils aonaichte ri crùn Shasuinn, agus theirear prionnsa Ueils ri tànisteir rioghachd Shasuinn. Ach air a shon so uile ghléidh iad an seana chànain féin gus a nis, ’s tha caochladh phaipearan naigheachd, ’us eòlasan eile de gach seòrs’ air an craobh-sgaoileadh innte. Theirear Gàeltachd Shasuinn ri Ueils, mar eadar-dhealaichte o Ghàeltachd Alba. BANK OF MONTREAL. SUIDHICHTE, 1817. Corpaichte le achd Parlamaid. EARRAS PAIGHTE: $12,000,000.00. AIRGEAD TAIMH: $7,000,000.00. ANN AN SIDNI. OIFIS RE UINE GHOIRID: Oisean Sraidean Charlotte agus Prince William Henry. Banca-Caomhnaidh. EDWARD PITT, Fear-gnothuich. THA MI CREIC Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan. A h-uile seorsa Groceries. Tombaca us Cigars. An TI a’s fhearr ’sa mhargadh, SAOR. TAGHAIL A STIGH. SEUMAS A. MacGILLEAIN, So. Charlotte St. SIDNI, C. B The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED, A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air SRAID SHEARLOT, SIDNI. Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe. Tha ar prisean ceart. Taghail againn. “Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.” A thaobh Caiseart. ’S ann againn a tha ’n stoc Bhrog a’s motha ’sa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia b’e de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOR’ OBRACH againn cho math ris na seorsachan a’s grine ’s a’s fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh. A. W. REDDEN & CO. June 29, 1900 1yr A. R. CARR, Uaireadairiche is Seudair. Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST. Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean. Sidni, C. B., June 20, ’00—1yr Gheibh na Tuathanaich ANNS AN SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE CLOTH air son DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat, An coinneamh cloimhe. Bathar Tioram, Soithichean Creadh’ agus Gloine, Groceries, Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE. CHEAPSIDE WAREHOUSE, C. S. JOST, Manager. GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR. June 20, 1900. Clo-Bhualadh de sheorsa sam bith an a dheanamh gu snasail air oifis a phaipeir so. [TD 375] [Vol. 8. No. 47. p. 7] FAILTE DHOMHNAILL MHIC IAIN. LE CATHALL MAC-MHUIRICH. Gheibhear fàilt le fear do sgeil, ’Fhir chaoimh a thainig o ’n tràigh. Fhuair mi sgeul os iseal uait Tha togail m’ uaill os cionn chàich. ’S binne na ceol croit do sgeul, A ghille gun lot, gun chreuchd, ’Tha mar oraghan os fhion, Ma ’s comhradh fior a tha ’d bheul. ’S ro fheaird mi eisdeachd ri m’ bheo An sgeul leis an dainig thu, Mheudaich leam an ceart gach la, ’S teann a ta mo neart an diu. ’S ait leam do theachd, s mi ’san riochd s’, Dh’eisdeachd ri d’ briathraibh gu beachd. O d’ sgeul cha tagair mi ort, Caidlidh mi an nochd gu ceart. Thug thu leat do naidheachd nuadh, ’Fhir oig a ’s glan gnè is fiamh; Seul le ’n do cheangladh mo chli, Sgeul a dhiùsg meadhair am chliabh. Dòmhnall Mac Eoin, cùl nan cladh, Rùn do sgeoil ghasda, ghloin: Teachd thar cuan iomlan do ’n fhear, Cion d’ a iomradh is dual domh. A theachd slàn gu h-earnaidh, og, Fàth sin do m’ mheanmna air meud; Slat a mor lios, crann nach lùb, ’Thaobh sud m’ aoibhneas a chum m’ éig. Theid mi d’ a fhaicinn air tùs, ’Reir riaghailt ma leanar gnàths; Mi am leum gu chaidreamh gun chruas, ’S ceum suas ri m’ aigneadh aig fhàs. Chi mi e ’fosgladh a shùl, An ti le ’n d’ bhronnadh mo bhrigh Dh’ aithnichinn thar muir e uam, ’S a ghruaidh gart’ le fuil mar fhion. Aithnichidh mi briathran a bheoil ’S an deud mar neamhnuid gun ghaoid, Nach nochdar gu duilbhir dhuinn, ’S an t-sùil shuilbhir, sholta, chaoin. Dh’ aithnichinn fad urchair uam A mhala cheart chùmte chaol, Giallan saor ri ’n decair dréin, ’S an taobh réidh mar eatal aoil. Dh’ aithnichinn ceum clis a chos Gu h-ealamh a leum na lios, Bhrangaich cridhe nam buaidh bras Glas mo thoile uam gun fhios. ’S tu, Dhomhnaill, mo mhisneach mhor, Mo sheise comhlainn ri m’ chùl, Mo sheud glan d’an dug mi gradh, Mo ré lan is m’ abhall ur. Mo bhile buadhach fo mheas, Mo cridhe-sa ’n cuantaibh cas; Flath air nach falaichteadh fios, Mo chrios cath’ am boinne geal, bras. Ar n-uisge tobair nach tràigh, Ar n-urra cogaidh a chlódh, Fàth ar mire, ar muirn shaor, Ar cuirm dhaor ga ’h-ibh a òr. Mo chlaidheabh, mo chaol shleagh chorr, Mo thaghadh fein as gach dream, Fear tha nasgadh a rùin rium, ’S mo mhiann sùl ri fhaicuin leam. Bha m’ aithrichean riamh fo d’ dhream, Ni mi as do dhùrachd dòigh. Tha mo neart a teachd o d’ chim, Tromhad gheibh mi ceart is còir. Os, os cionn. Crot, cruit. Cùl nan cladh, defence of trenches. Cion, desire, love. Earnaidh, magnificent, worthy. Bronn, grant, give. Eatal, flight, flowing. Ré, the moon. Bile, a large tree. A chlòdh, to conquer. Cuirm, ale. Cim, silver, money. Phòs Iain Muideartach-Mor, nighean do Ruaraidh Mor Màc-Léoìd, Triath Dhun bheagain. B’ e Domhnail dh’ an do rinneadh an t-oran am mac. Chaidh Domhnall do dh-Eirinn a chogadh as leth righ Tearlach ’sa bhliadhna 1648. Chaidh a Ghiacadh ’s a chur am priosan. Fhuair e cead tighinn dachaidh mu ’n bhliadhna 1650. ’S an sin a rinneadh an t-oran. Bha Cathall Mac-Mhuirich na ’sgoileir gasda, na ’dhuine fiosrach, agus na ’bhard math. Tha sinn de ’n bheachd gur h-e bàrd bu chomasaiche agus seannachaidh a b’ fhearr a bha san teaghlach do ’m buineadh e. Bu choir do na Gaidheil feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn do’n MHAC-TAALA. Thachair droch sgiorradh anns a bhaile maduinn Di-màirt. Bha fear Frank Cossitt, a bha tighinn a stigh do’n bhaile le each us carbad, air a bhualadh leis a’ charbad-iaruinn, aig àite Lorway, agus air a ghnirteachadh cho dona ’s nach eil coltas nach caill e a bheatha. Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc. Aonghas Mac Leoid. Paint, Olla, Putty, Varnish, Gloine, Paipear-balla THA C. H. Harrington & Co. A’ CUMAIL STOC MOR DE Aol, Cement, Plaster Paris, Brick. Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc. Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor. Amhlan agus Soithichean. TAILLEARACHD. Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10.00 us $25.00 a reir an aodaich. CLOTH CHOWES, CLOTH CHLONDAIC, CLOTHAN CANADACH, ALBANNACH, SASUNNACH. Triubhsairean bho $3.00 suas. NIALL MacCOINNICH, Sidni Mines, C. B. BATHAR CRUAIDH. Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c. LEABHRAICHEAN. Leabhraichean Sgoile, Leabhraichean Sgeoil, Leabhraichean Eachdraidh, ’s gach seors’ eile. AIG— C. P. MOORE, SIDNI, C. B. Sydney & Louisburg Railway TIM CHLAR. A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:— [Clàr-ama] * A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra. A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt. Commercial Bank of Windsor. Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an SIDNI, CEAP BREATUNN. Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh. BANCA-CUMHNAIDH. Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air. Frank D. Soloan. Sidni, Aug. 24, 1899.—1yr. NA FASAIN AGUS Na h-Aodaichean a’s Uire ’s a’s Fhearr. Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang. Niall Mac Fhearghais, Marsanta Taillear. Sidni, Dec. 21, 1899. D. L. MAC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. Flur, Min, Coirce, Fiar, Buntata, Hams, Bacon, Ti, Siucar, Brogan, Botainnean, &c., &c. ’GAN CREIC SAOR. J. E. BURCHELL, Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America. SIDNI, - - C. B. ROS & ROS, FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad. OIFIS: An Tigh a Bhanca. Sidni, - - - C. B. UISDEAN ROS, LL. B. HOWARD S. ROS, B. A., LL. B. C. V. Wetmore, Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac. An tigh a Chommercial Bank, SIDNI, - - C. B. J. J. ROY, M. D. OIFIS: Os ceann Stor-Leabhraichean C. P. Moore A CHOMHNUIDH: An tigh C. W. Hill. SIDNI, C. B. J. S. Brookman, M. D. OIFIS: Os cionn stor Aonghuis Mhic Guaire. SIDNI, - - - - C. B. L. L. GULLIVAN, Ceannaiche Fearainn. Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni. Airgead gu thoirt seacnad air riabb. Victoria Block, So. Charlotte St. SIDNI, - - C. B. C. R. BOWN, Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine. SIDNI, C. B. ALBERT HARTY, Greusaiche, Brogan agus Botainnean air an Deanamh ’s air an Caradh gu snasail. Ri taobh stor D. L. MacFhionghain, SIDNI - - C. B. [TD 376] [Vol. 8. No. 47. p. 8] ORAN NA COMHACHAIG. LE DOMHNALL MAC FHIONNLAIDH. AM BARD. A chomhachag bhochd na sròine, An nochd is brònach do leaba; Ma bha thu ann ri linn Dhonnghail, Cha’n ionghnadh ge trom le t’ aigneadh. A CHOMHACHAG. Is co-aois mise do ’n daraig ’Bha na ’faillein anns a chòinnich; ’S iomadh linn a chuir mi romham, ’S mi comhachag bhochd na sròine. AM BARD. Nise on a tha thu aosda, Dean-sa t’ fhaosaid ris an t-sagairt, Agus innis da gun euradh Gach aon sgeula d’a bheil agad, A CHOMACHAG. ’S furasd dhomhsa sin innse Gach aon là millteach a rinneas; Cha robh mi mionnach no breugach, Ged a bha mo bheul gun bhinneas. Cha d’ rinn mi riamh braid no meirle, No cladh no tearmunn a bhrisdeadh; Air m’ fhear féin cha d’ rinn mi iomluas, Gur cailleach bhochd ionraic mise. ’S ann a bha chuid mhòr de m’ shinnsre Eadar an Innse ’s an Fhearsaid; Bha cuid eile dhiubh mu’n Deubhadh, ’S bhiodh iad ag éigheach ’san fheasgar. Chnnnaic mi mac a Bhrithimh chalma Agus Fearghus mor, an gaisgeach, Is Torradan liath na Sròine; Sin na laoich bha dòmhail, taiceil. AM BARD. On a thòisich thu ri seanchas, ’S éiginn do leanmhuinn na’s faide; Gu’n robh ’n triuir bha ’n sin air fòghnadh Mu’n robh Donnghall anns an Fhearsaid. A CHOMHACHAG. Chuunaic mi Alasdair Carrach, ’N duin’ a b’ allaile bha ’n Albainn; ’S minig a bha mi ga eisdeachd, ’S e aig réiteach nan tom sealga. Chunnaic mi Aonghus na dheodhaidh, ’S cha b’ e sin roghainn bu tàire; ’S ann ’san Fhearsaid a bha ’thuineadh, ’S rinn e muileann air Allt-Làire. AM BARD. Bu lionmhor cogadh is creachadh A bha ’n Lochabar ’san uair sin: C’àit am biodh tusa ga t’ fhalach, Eoin bhig ghlais na mala gruamaich? A CHOMHACHAG. Nuair a chithinn-sa na creachan A dol seachad orm le ’m fuathas, Bheirinn ruathar bharr an rathaid, S bhithinn grathunn an Creag-Guanach. AM BARD. Creag mo chrìdhe-sa Creag-Guanach, Creag an d’ fhuair mi greis de m’ arach; Creag nan aighean ’s nan damh siubhlach, A chreag ùrail, fhonnmhor, àlainn. A chreag mu’n iathadh an fhaghaid, Leam bu mhiann a bhith ga tadhal Nuair bu bhinn guth gallan gadhair A cur greigh’ gu gabhail chumhainn. ’S binn a h-iolairean mu ’bruachaibh, ’S binn a cuach, is binn a h-eala; ’S seachd binne na sin am blaoghan A ni ’n laoghan mean-bhreac, ballach. M’ annsachd beinn sheasgair nam fuaran, ’N riasgach o ’n dean an damh sròineis; ’S chuireadh gadhair a’s glan meallan Féidh nan ruaig gu Ionar-Mheoirein. B’ annsa leam na dùrdan bodaich Os-cionn poit ag euraradh sil innt’, Crònan an daimh dhuinn ’san fheasgar Air leacainn beinne ’n am sìne. Nuair bhùireas damh Beinne-Bige ’S a bheucas damh Beinn-na-Creige, Freagraidh na daimh sin a chéile, ’S thig féidh a Coire-na-Snaige. ’S e fear mo chridhe-sa ’n samhradh, ’S e ’m fear ceann-ghorm air gach bile; Fanaidh gach damh donn na ’dhoire Ri teas goile gréine gile. ’S aighearrach ’san am Creag-Guanach, A chreag dhuilleach, uaine, bhraonach; Creag nan tulach àrda, fiarach, Gur cian a ghabh i o ’n mhaorach. Cha mhinig a bha mi ’g éisdeachd Ri séitrich na muice-mara, Ach ’s tric a chuala mi moran De chrònanaich an daimh allaidh. Cha do chuir mi dùil ’san iasgach ’Bhith ga iarraidh leis a mhaghar; ’S mor gu ’m b’ annsa leam am fiadhach, ’S a bhith falbh nan sliabh a’s t-fhoghar. Cha mhi-fhin a sgaoil an comunn A bha eadar mi ’s Creag-Guanach, Ach an aois ga ’r toirt bho cheile; Is bu mhath an fhéill a fhuaras. ’S buan an comunn gun bhrisdeadh A bh’ eadar mise ’s an t-uisge; Sùgh glan nam mor bheann gun mhisge, Is mise ga òl gun trasgadh. Ach ’s ann a bha ’n comunn brisdeach Eadar mise ’s a Chreag-Sheilich; Mise gu là bhràth cha dìrich, ’S ise gu dilinn cha teirinn. Olaidh mi a Treig mo theann-shath, Uaipe cha déid mi air siollan; ’S i muime ’n fhéidh a ni ’n langan, Am buinne deas reidh-gheal fionnar. ’S fada leam on sguir mi ’n fhiadhach, ’S nach h-fheil ann ach ceo de ’n bhuidhinn Leis am bu bhinn gloir nan gadhar, ’S o ’m faigheamaid òl gun bhruidhinn. ’S ann an Cinn-Ghiubhsaich na ’laighe Tha namhaid na greighe deirge; Lamh dheas a mharbhadh a bhradain, ’S bu ro mhath ’n sabaid na feirge. Bu Domhnallach thu gun mhearachd, Bu tu buinne geal na cruadhach; Bu chàirdeach thu do Chlann Chatain, ’S gu ’m bu dalt thu do Chreag-Guanach. Gu ’m bu dalt thu do Chreag-Guanach ’S fad o ’n chuala mi ga sheanchas; Am buinne geal nach robh éitidh, ’S ann duit a ghéilleadh am bantrachd. Ged dh’ fhàgadh Domhnall am muigh leibh Na ’aonar a taigh na fleadha, ’S gearr a bhios gucag air bhuil ann, Luchd a chruidh bidh iad a staigh leibh. Bu mhath mo bhuachaille cruidh-sa, Gu ’m b’ e fior uasal nam fear e; Bu deacair tàrmus air fhuil, Cha bu dubh, ach aobharrach, glan i. Bu mhath mo bharanta cogaidh, Ged a thogair mi tigh’nn uaithe, An t-Eoin a tha ’n Taigh-na-Creige, On a bhagair e mo bhualadh. ’S on a bhagair e gu teann mi, Cho fad ’s a bhios crann no clach ann, Cha tog mi uige mo thriall, Is ni mo dh’ iarrainn dol na ’theach leis. Mise ’s tusa, ’ghadhair bhàin, Bu tùrsach ar turas do ’n eilein; Chaill sinn an tathunn ’s an dàn ris, Ged bha sinn grathunn ri ceanal. Thug a choille dhiots’ an earba, ’S thug an garbhlach dhioms’ na h-éildean; Cha ’n fheil nàire dhuinn, a laoich, ann, Oir laigh an aois oirnn le chéile. Aois, cha ’n fheil thu idir miochair, Ged nach feudar leinn do sheachnadh; Cromaidh tu an duine direach A dh’ fhàs gu finealta, gasda. Giorraichidh tu ’là ’san t-saoghal, Agus caolaichidh tu ’chasan; Fagaidh tu a cheann gun deudach, ’S ni thu eudann uil’ a chasadh. AN AOIS. ’S iomadh laoch a b’ fhearr na thusa ’Chuir mi gu tuisleadh ’s gu anfhainn, ’S a dh’ fhaobhaich mi as a sheasamh, ’Bha roimhe na fhleasgach calma. AM BARD. ’Aois liath chasaodannach, odhar, ’Bhios gu ronnach, bodhar, éitidh Cuim’ a leiginn leat a lobhair, Mo bhogha thoirt diom air eiginn? Is mi-fhin a s’ fearr an airidh Air mo bhogha ro mhath iubhair Na thusa, aois pheallach, sgallach, Bhios aig an teallach ad shuidhe. AN AOIS. Labhair an aois rium a rithisd,— ’S momha ’s righinn tha thu ’leanachd Ris a bhogha sin an comhnuidh, ’S math gu ’m fòghnadh dhuit am bata. AM BARD. Gabh thusa dhuit fein am bata Aois ghreannach chairtidh na pléide; Mo bhogha cha ’n fhaigh thu fhathasd Bhuam air athais no air éiginn. Bantrachd, a company of women. Miochair, loving, affable. ADAN FODAIR ADAN ANAIRT ADAN FELT Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile. So. Charlotte St., SYDNEY, C. B. H. H. MAGEE. SMOC AGUS CAGAINN PATRIOT TWIST an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh. “EMPIRE,”—Tombaca Ban Smocaidh. Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E. BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN. Dec 8, ’99,—1yr. AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co AMHERST, N. S. A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal. Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn. Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153 Granville Street. $10,000.00. Luach a Bhathair a tha ri bhi air a chreic a mach eadar so is an 25 mh latha dhe’n ath mhois le Matheson, Townsend & Co., Tha iad an deigh an stor a leigeil a mach air mhal, agus air son i bhi reidh dhaibhsan a tha ’ga gabhail, feumar am bathar a chreic gun dail—Bathar math dhe gach seorsa. Anabarrach Saor! D. A. HEARN, Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc. SIDNI, - - - C. B. Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig A. J. Beutan, (Alasdair Mac Iain Bheutain) a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid. CISTEACHAN-LAIDHE dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an TELEPHONE No. 62. A. J. BEUTAN. Sidni, Maigh 19, ’99—1yr. J. D. W. CAIMBEUL. FEAR DEILBH THAIGHEAN. OIFIS:—ROSS BLOCK, P. O. BOX 41. SIDNI, - - - - C. B.