[TD 1] [Vol. 6. No. 1. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 2 IULAIDH, 1897. No. 1. Litir a Ontario. Cha ’n eil fhios agam co-dhiu bu chòir dhomh sgriobhadh aig an àm so no nach b’ eadh. Bi’dh mi smaoineachadh air uairibh nach eil mo chuid sgriobhaidh a’ tigh’nn ri cail luchd-leughaidh a phaipeir; theagamh gu ’n tuirt mi rud-eigin nach do chòrd riutha no thug oilbheum do ’n fhear-dheasachaidh. Tha mi faicinn nach d’fhuair an litir mu dheireadh a sgriobh mi ait anns a’ MHAC-TALLA idir. Sgriobh mi eachdraidh ghoirid air bàs an Urr. Domhnull Mac Leoid, a dh’ fhàg sinn air an deicheamh latha dhe ’n Mhàrt s’a chaidh. Ach faodaidh nach d’ rainig na sgriobh mi oifis MHIC-TALLA idir, agus gu bheil mi mar sin ag agairt an fhir-dheasachaidh mar nach bu chòir dhomh; ma tha sin mar sin, tha mi ’g iarraidh mathanais. Bha side gle fhliuch againn an so fad na curachd. Bha mòran de na tuathanaich nach d’ fhuair a churachd [?] gus an robh e gu math anmoch. Tha an t-side a fas briagha blàth a nis, agus tha gach ni a’ fàs gle mhath. Cha ’n eil na leumadairean-feòir ach ainneamh ri ’m faicinn fhathast, agus tha sinn an dòchas gu ’n teid a’ bhliadhna so seachad gun phlàigh sam bith a thighinn. Bha ùpraid mhor ’ga dheanamh anns a’ chearna so de ’n dùthaich air son Iubili na Bàn-Righ’nn, air an darna latha fichead de ’n mhios so. ’S i mo bharail fhéin gu robh iad a’ deanamh tuilleadh ’sa chòir, oir cha ’n eil anns a’ Bhan-Righ chòir ach fuil agus feòil mar a th’ anns gach bean eile—agus feumaidh i pilleadh a dh’ ionnsuidh na duslaich o’n d’ thàinig i cho math ris an neach a’s isle a tha fo ’riaghladh. Ach tha sinn an dòchas gu ’m bi Ban-Righ Victoria beò, agus a’ riaghladh os ar ceann, iomadh bliadhna fhathast. Tha duin’ òg againn anns an Eaglais Chléirich an so do ’n ainm Maighstir Mathanach. Tha e ’searmonachadh na Gàilig; cha d’ fheuch e riamh i gus an d’ thàinig e do Phriceville, ach tha ’dol aig oirre gle mhath. ’S fior an sean-fhacal, “Far am bheil an toil tha ’n comas.” Chaochail a’ bhean bu shine bh’ anns an àite so air an t-seachdain s’a chaidh—Caitriona Nic Artair, bantrach Alasdair Dhomhnulliach—aois cheithir fichead us choig bliadhn’ deug. Cha robh i tinn riamh gus an t-earrach so, ach tha ’m bas cinnteach ged a ruigeamaid mile bliadhna. Tha mi toilichte gu bheil Bodachan a’ Ghàraidh beò fhathast, ’s gu bheil e cho mear ’sa bha e riamh. Tha mi faicinn gu robh an t-side cho fliuch ann an Albainn air an t-samhradh so ’sa bha i ’san dùthaich so fhéin—gu dearbh, feumaidh gu robh i pailt na bu doirbhe ’nuair a bha i ’n impis na h-earbaill a thoirt as na h-eich, ar-neo cha ’n eil earbaill nan each cho daingeann anns an t-seann duthaich ’sa tha iad anns an duthaich so. Bidh mi a’ sgur aig an àm so, an dòchas gu faigh na sgriobh mi àite anns a’ phaipear agus ma gheibh, cha ’n fhada gus an sgriobh mi a rithist. Is mi ur caraid. IAIN MACILLEASBUIG. Priceville, Ont. (Faodaidh sinn a radh nach d’ fhuair sinn an litir eile a’ sgiobh ar caraid idir, neo ma fhuair chaidh i air chall ’s air diochuimhn’ oirnn. Dh’fhairtilch oirnn a faotainn am measg nan litrichean eile a th’againn air làimh, agus cha mho a tha cuimhne sam bith againn air a leithid fhaotainn. Faodaidh Iain MacIlleasbuig a bhi cinnteach nach ann a’ deanamh tàire no di-meas sam bith air a chuid sgriobhaidh a bha sinn. Tha sinn gle thaingeil dha air son an liuthad litir a tha e ’cur ugainn, agus b’ fhearr leinn gu robh moran eile cho cuimhneach oirnn ’san dòigh sin ’sa tha esan.) Cath taobh na teallaich. Calltachd na bliadhna leis. Biodh sin mar a chithear dha. Bithidh deireadh an latha salach. Buille mu seach, a spadadh an eich. Biodh do bheul mar bheul an fheusgain. Cha chaith na feannagan thu ’n bliadhna. Cha’n ann gun chomain a ni n croman fead. Cha b’ ann air muileacha-màg a chaidh m’ arach-sa. Ni duine sam bith airgiod, ach ’s e ’n duine glic a ghleidheas e. Cha’n ’eil ach tri seachduinneam eadar an droch bhearradair ’s an deadh fhear. Cha bhi ’n àirde na ’n isle nach fhaic suil an Ilich; cha bhith ’n cuil na cuilibh nach fhaic suil a Mhuilich. Cha duine tàillear, is cha duine dhà dhuibh; ’s ann a chuireadh fitheach thar creige, dà fhichead ’s a dha dhuibh. Cha d’ rinn crodh-laoigh d’ athar-sa agus m’ athar-sa ionaltradh cho dluth air a cheile, ’s gun tagair thu ’n t-seirbhis sin orm. Sgeul Mu’n Bhan-Righ. Aig àm àraidh, ’nuair a bha a’ Bhan-Righ ann caisteal Bhalmoral, ’sa Ghàidhealtachd chaidh i aon latha mach leatha fhéin gu dhol air chéilidh am measg nan taighean a b’ fhaisg’ oirre. Air dhi a dhol a stigh do thigh a bh’ ann an sin, fhuair i an sin seann duine liath air an leabaidh ’s gun duine aige, ach e-fhéin. “Gu de so?” ars’ ise, “nach eil duin’ agad idir a dh’fhuiricheas còmhla riut?” “Cha’n eil,” ars an seann duine, “tha mo mhuinntir uile air falbh a choimhead na Ban-Righ’nn; bha iad a’ smaoineachadh dòcha gu’m faiceadh iad sealladh dhi.” Shuidh a’ Bhan-Righ ri ’thaobh treis a dh’ ùine, a’ brnidhinn ris, agus a’ leaghadh dha. Air dhi a bhi ’ga fhàgail shin i not choig puinnd dha, agus thuirt i ris, “’Nuair a thig do theaghlach dhachaidh, abair riutha, ’nuair a chaidh iad-san a choimhead na Ban Righ’nn gu’n d’thainig a Bhan-Righ a choimhead ortsa.” Is ann le caoimhneasan beaga dhe’n t-seòrsa so a tha Ban-Righ Victoria an deigh àite cho blath fhaotainn ann an cridheachan an t-sluaigh. Bha i riamh cuimhneach air na bochdan, agus ’se ’s dòcha gu bheil iad-san ’ga faicinn na’s trice na tha urrachan mora na rioghachd. Ann an làithean a h-òige bha na croitearan agus na daoine bochda timchioll air a caisteal anns a Ghàidhealtachd gle eòlach oirre. Ag Ionndrain Mhic-Talla. A CHARAID:—Gu de dh’éirich do MHAC-TALLA air an t-seachdain a dh’fhalbh? Cha do thaghail e idir againn an so. Tha mi an dòchas nach do chuir an Iubili a cheann ’na bhoil ’s gu’n deach e air chall. Do charaid, A. BAIN. Port Hawkesbury, Iun 21, ’97. Chaidh boirionnach do ’m b’ ainm Marr, ann an Chatham, N. B., a losgadh cho dona aon la air an t-seachdain s’a chaidh ’s gu ’n do chaochail i an ath latha. Bha i togail poite bhar an teine, ’nuair a ghreimich an teine ri a cuid aodaich, ’s chaidh a losgadh dhith. Bha a fear-pòsda còmhla rithe aig an àm agus chaidh e-fhéin a losgadh gu dona a feuchainn ri ’sàbhaladh. Choisinn réiseamaid Ghàidhealach Thoronto cliu mor dhi fhéin ann an Sasuinn o chionn ghoirid, agus tha muinntir a bhaile cur rompa gu ’n dean iad beatha Ghillean an Fhéillidh gu h-uasal ’nuair a thilleas iad dhachaidh. [TD 2] [Vol. 6. No. 1. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. VI. Air eagal bristeadh air mo mhionnan, cha do chuir mi ceisd sam bith air, ach rug mi air laimh air a’ mhnaoi-uasail, agus leis an t-seoladh a thug mac bhrathar m’ athar dhomh, thug mi i a dh’ ionnsuidh an aite-adhlacaidh. Cha deachaidh sinn ceum iomrall; oir bha airde na gealaich ann. Cha robh sinn ach air ruiginn an uair a chunnaic sinn mac bhrathar m’ athar a’ tighinn ’n ar deigh. Bha soitheach uisge aige, agus pocan beag anns an robh criadh thioram. Bhrist e urlar an aite-adhlacaidh le cul na tuaidhe, agus an uair a chladhaich e an talamh, leig e ris an dorus-falaich a bha fo ’n aite-adhlacaidh. An uair a dh’ fhosgail e an dorus so, thug mi an aire gu ’n robh staidhre a’ dol sios do dh’ ionad-comhnuidh a bha fo ’n talamh. An sin thuirt e ris a mhnaoi-uasail, “A bhaintighearna, is e so an rathad a dh’ ionnsuidh an aite a bha mi ag radh riut.” An uair a chuala ’bhean-uasal so, tharruinn i osna throm, agus ghabh i sios an staidhre. Mu ’n deachaidh esan sios thuirt e rium, “A mhic bhrathar m’ athar, tha mi anabarrach fada ’nad chomainn air son na chuir mi ort de dhragh. Gu’n robh math agad. Slan leat” “Ciod is ciall dha so?” arsa mise. “Coma leatsa; till an rathad a thainig tu,” ars’ esan. Cha dubhairt e an corr rium. Thill mi gun dail do ’n luchairt aig brathair m’ athar, agus chaidh mi do ’n leabaidh. An la-’r-na-mhaireach an uair a dhuisg mi, thoisich mi ri smaointean air na thachair an oidhche roimhe sin. Agus an uair a chuimhnich mi air gach ni iongantach a thachair, is ann a bha mi an duil gur bruadar a chunnaic mi. Leis mar a fhuair so a leithid de ghreim air an inntinn agam, chuir mi fios a dh’ fheorachadh an robh mac bhrathar m’ athar deas gus m’ fhaicinn. Ach an uair a dh’ innseadh dhomh nach do chaidil e ’na leabaidh fhein an oidhche roimhe sin, agus gu’n robh muinntir an taighe fo dhragh mor m’ a dheidhinn, thuig mi nach bu bhruadar a bh’ anns na nithean iongantach a chunnaic mi an oidhche roimhe sin. Chuir an gnothach a bh’ ann dragh mor air m’ inntinn. Gun fhios do dhuine beo chaidh mi do ’n chladh, agus mi ’n duil gu’n amaisinn air an aite-adhlacaidh do ’n deachaidh e; ach o’n a bha aireamh mhor ann de’n aon seorsa, cha b’ urrainn mi a dheanamh am mach co an t-aon do ’n deachaidh e. Ged a chaith mi ceithir latha ’g a iarradh, cha d’ fhuair mi e. Fad na h-uine, bha brathair m’ athar anns a’ bheinn-sheilg. An uair a bha mi ’gabhail fadachd nach robh e tighinn, chuir mi romham gu’m falbhainn dhachaidh. Ghuidh mi air na comhairlichean iarraidh air an righ an uair a thilleadh e dhachaidh mo leithsgeul a ghabhail; agus gun dail sam bith thug mi m’ aghaidh air luchairt m’ athar. Bha luchd-comhairle an righ, brathair m’ athar, fo iomagain mhoir mu thimchioll a’ phrionnsa; ach o ’n a thug mise mo mhionnan nach innsinn ciod a chunnaic mi, cha b’ urrainn domh fiosrachadh sam bith a thoirt dhaibh m’ a dheidhinn. An uair a rainig mi ceannabhaile na rioghachd aig m’ athair, far an robh ’m athair a gabhail comhnuidh, bha ’n luchairt air a cuartachadh le armachd laidir. Rug na saighdearan orm, agus rinn iad priosanach dhiom. An uair a dh’ fheoraich mi ciod bu chiall do ’n ghnothach, thuirt ard-cheannard an airm rium, gu ’n do chuireadh m’ athair gu bas, gu ’n d’ rinneadh an t-ard-chomhairleach ’na righ, agus gu ’n d’ ordaicheadh mise e ghlacadh ’n am phriosanach ann an ainm an righ. Gun dail sam bith thugadh an lathair an righ mi. Tha e furasda ’thuigsinn gu ’n robh ioghnadh agus bron gu leor orm. Bha fuath agus gamhlas mor aig an ard-chomhairleach dhomh fad uine mhoir roimhe sin air son an aobhair so:—An uair a bha mi’n am bhalach og, bu ghle thoigh leam a bhith gu math tric ag obair le bogha-saighead. Air latha araidh air dhomh a bhith faisge air an luchairt, chunnaic mi eun a’ dol seachad. Thilg mi saighead ’na dheigh, ach cha d’ amais mi idir e. Thuit gu mi-fhortanach gu ’n do bhuail an saighead anns an t-suil air an ard-chomhairleach, an uair a bha e sraidimeachd dluth orm, agus chuir e as i. Cha bu luaithe a thuig mi mar a thachair na chaidh mi a dh’ aon ghnothach far an robh e gus e a ghabhail mo leithsgeil, agus a dh’ iarraidh mile mathanas air. Ach ged a rinn mi so cha do leig e riamh as ’aire gu ’n do chuir mi as an t-suil. A h-uile cothrom a gheibheadh e bha e ’nochdadh gu soilleir dhomh gu ’n robh e toileach dioghaltas a dheanamh orm. Ach an uair a thugadh air a bheulaobh mi mar phriosanach, chuir e a dhroch nadar an ceill ann an doigh a bha gle chruaidh-chridheach. Leum e far an robh mi mar gu ’m biodh fear-caothaich, agus spion e asam an t-suil dheas. Sin agaibh, a bhaintighearna; mar a chaill mi mo shuil. Ach cha d’ fhoghainn sid leis; dh’ ordaich e mo dhruideadh ann am bocsa, agus thug e aithne do ’n fhear-marbhaidh mo thoirt do ’n fhasaich, agus an ceann a thoirt dhiom, agus mo chorp fhagail gu bhith mar bhiadh aig eunlaith an adhair. Thug am fear-marbhaidh leis mi air muin eich do ’n fhasaich gus a dheanamh orm mar a dh’ aithneadh dha; ach an uair a bha e ’dol g’am chur gu bas, ghuidh mi air gu durachdach le deuraibh e a leigeadh mo bheatha leam. Ghabh e truas dhiom, agus thuirt e rium, “Bi falbh as an rioghachd cho luath ’s is urrainn dut, agus thoir do cheart aire nach tig thu air ais gu brath tuilleadh; air neo ma thig, cha bhi an tuilleadh saoghail agad, agus cuirear mise gu bas cho math riut fhein.” Thug mi mile taing dha air son an fhabhair a rinn e rium; agus an uair a leig e as mi thug mi mi-fhein as. Ged a bha mi craiteach, bronach air son gu’n do chaill mi mo shuil, gidheach bha mi gle thoilichte gu’n do ghleidh mi mo bheatha. Anns an t-suidheachadh thruagh anns an robh mi cha robh mi comasach air moran astair a chur ’nam dheigh. Re an latha, bha mi ’g am fhalach fhein anns gach a te a b’ uaigniche na cheile a thachradh rium, agus re na h-oidhche, bha mi ’siubhal troimh an fhasach chomath’s a leigeadh mo neart leam. Mu dheireadh rainig mi ceanna-bhaile na rioghachd aig brathair m’ athair. Dh’ innis mi dha facal air an fhacal mar a thachair do ’m athair ’s mar a dh’ eirich dhomh fhein. “Ochan!” ars’ esan, “thainig gu leor ormsa an uair a chaill mi m’ aon mhac, ged nach cluinninn mu bhas mo bhrathar gaoil do’n robh speis cho mor agam. Agus cha ’n e thusa fhaicinn anns an t-suidheachadh mhuladach anns am bheil thu a’s lugha a tha ’cur de bhron orm.” Dh’ innis e dhomh gu’n robh e fo dhragh-inntinn ro mhor a chionn nach robh e ’cluinntinn guth no iomradh mu thimchioll a mhic a dh’ aindeoin gach rannsachadh a rinn e fad’ is farsuinu air a shon. An uair a dh’ innis e so dhomh bhrist a ghal air, agus bha e ’na leithid de chruaidh-dheuchainn le caoidh ’s le bron ’s nach robh e ’n comas dhomh an diomhaireachd a bh’ agam a chumail an cleith air ni b’ fhaide. Agus ged a thug mi mo mhionnan nach tugainn guth gu brath air na chunnaic ’s na chuala mi an oidhche mu dheireadh a chunnaic mi mac bhrathar m’ athar, dh’ innis mi gach ni air am b’ fhiosrach mi. Fhad ’s a bha mi ag innseadh mo naigheachd dha, dh’ eisd e rium le mor aire. Agus an uair a chuir mi crioch air na bh’ agam ri radh, thuirt e, “A mhic mo bhrathar tha na dh’ innis thu dhomh ’g am chur ann am misnich. Bha fhios agam gu’n d’ ordaich mo mhac ait’-adhlacaidh a thogail; agus o’n a tha rud eiginn de bheachd agadsa air an aite, tha mi, ’smaointean gu’n amais sinn air. Ach o’n a dh’ ordaich e a thogail gun fhios a bhith aig daoine air, agus o’n a thug thusa do mhionnan nach innseadh tu ni m’a dheidhinn, is e mo bharail gur coir dhuinn sealltainn air a shon gun ghuth a radh ri neach eile m’ a dheidhinn.” Ach bha aobhar eile aig brathair m’ athar air a’ ghnothach a chumail falachaidh ged nach d’ innis e dhomhsa e aig an am. Tuigidh sibh an t-aobhar mu’n cuir mi crioch air na bheil agam ri radh. Chuir sinn sinn-fhein as aithne, agus chaidh sinn am mach air dorus-cuil a’ gharaidh. Ann an uine ghoirid dh’ amais sinn air an aite a bha sinn ag iarraidh. An uair a chunnaic mi an t-ait-adhlacaidh ghrad dh’ aithnich mi e, agus bha mi gle thoilichte gu’n d’ amais sinn air, gu h-araidh o ’n a chaith mi uine mhath ’g a iaraaidh roimhe [TD 3] [Vol. 6. No. 1. p. 3] sid. Chaidh sinn a steach ann, agus fhuair sinn an dorus-falaich a bh’ aig barr na staidhreach air a dhruideadh gu math ’s gu robh mhath. Theab nach rachadh againn air ’fhosgladh, o ’n a bha e air a dhruideadh o ’n taobh a staigh leis a’ chreadhaidh ’s leis an uisge. Ach mu dheireadh chaidh againn air ’fhosgladh. An uair a dh’ fhosgail sinn e chaidh brathair m’ athar sios an toiseach, agus lean mise e. Bha leith cheud ceum anns an staidhre; agus an uair a rainig sinn a bonn, thachair seomar oirnn anns an robh solus mugach, agus a bha lan de cheo ’s de dhroch aileadh. Chaidh sinn as an t-seomar sin a steach do sheomar mor, farsuinn eile. Bha biadh is deoch gu leor ann, agus bha na h-uiread de choinnlean laiste ann. Cha robh duine ri fhaicinn ann, agus chuir so ioghnadh mor oirnn. Thug sinn an aire gu ’n robh na cuirteanan air an tarruinn ri ’cheile. Chaidh an righ thun na leapadh, agus chunnaic e a mhac fhein agus a’ bhean uasal anns an leabaidh comhladh, agus iad air an losgadh ’nan gnal, mar gu ’m biodh iad air an tilgeadh ann an teine mor, agus air an toirt as a rithist mu ’n do chnamh iad. Ged a bha ’n sealladh so eagalach ri ’fhaicinn, ghabh mi ioghnadh mor an uair a chunnaic mi cho beag doilghis ’s a chuir e air brathair m’ athar a mhac fhaicinn ’na leithid de staid eagalaich; oir an aite teannadh ri caoidh air a shon, is ann a thilg e smugaid anns an aodann air, agus thuirt e le guth taireil, “Is e so peanas an t-saoghail so, ach mairidh peanas an ath shaoghail gu siorruidh.” Agus mar nach biodh e riaraichte le so a radh, thug e dheth a bhrog, agus bhuail e a mhac anns a’ cheann leatha. CAIB. VII. Cha ’n urrrainn domh cainnt a chur air an ioghnadh a ghabh mi an uair a chunnaic mi an droch dhiol a rinn brathair m’ athar air a mhac ’s e ’na laidhe marbh ’s an leabaidh. “Mo thighearna,” arsa mise, “ged a tha ’n sealladh muladach so a’ cur broin orm, cha’n urrainn mi gun fheoraich dhibh, gu de’n cionta a chuir bhur mac an gniomh an uair a tha sibh a’ deanamh a leithid de thair air a chorp?” “Feumaidh mi innseadh dhut,” ars’ esan, gu ’n do thuit mo mhac ann an trom ghaol air a phiuthair an uair a bha iad le chile gle og. Ged a bha fhios agamsa air so, cha do chuir mi an toiseach bacadh air a’ chuis, do bhrigh nach do smaoinich ni gu’n tigeadh olc sam bith as. Mu dheireadh, an uair a ghabh mi eagal gu ’n tigeadh an gaol a bh’ aca air a cheile gu olc air a’ cheann mu dheireadh, rinn mi gach ni a ghabhadh deanamh a chum stad a chur orra. Chronaich mi mo mhac gu searbh, eadar mi fhein ’s e fhein, agus chomharraich mi am mach dha cho graineil ’s a bha na miannan a bha e ag arach. Leig mi ris dha, gu ’n tugadh e masladh siorruidh air fhein ’s air an taghlach gu leir, nan leanadh e roimhe air an obair a bh’ aige. Leig mi ris a’ cheart ni do m’ nighinn mar an ceudna. Dhruid mì ann an seomar i far nach fhaiceadh ’s nach cluinneadh i a brathair. Ach bha an creutair truagh cho lan de’n droch ghne ’s nach robh e an comas ciall no gliocas a chur innte. Mar bu mho a bheirteadh de chomhairle oirre, agus a chuirteadh fo stamhnadh i, is ann bu mho a bha i ’cur roimhpe gu ’m faigheadh i a toil fhein. Bha mo mhac lan-chinnteach gu ’n robh a phiuthar dilaes dha. Thoisich e air togail ait-adhlacaidh; ach cha robh an so ach leithsgeul a ghabh e, a chum gu’n rachadh aige gun fhios do dhuine sam bith, air taigh fo-thalamh a thogail, ann an dochas gu’m faigheadh e cothron, latha no lath’ eiginn, air a phiuthar a thoirt leis sios ann. An uair a fhuair e mise o ’n taigh ghoid e leis a phiuthar. Ach cha leigeadh mo naire leamsa an gniomh olc a rinn iad a dheanamh aithnichte do’n t-saoghal; oir tha e ’na ni graineil an sealladh nan uile sluagh. Ach chunnaic Dia iomchuidh breitheanas a thoirt orra le cheile air son gach obair ghraineil a bha iad a’ cur an gniomh. An uair a thuirt e so bhrist a ghal air, agus thoisich mise ri gul maill ris. An uair a thug e greis mhath air gul ’s air caoidh thuirt e rium, agus e breith orm ’na ghairdeanan, “A mhic mo bhrathar, ma chaill mise droch mhac, is docha gu ’n seas thusa aite mic dhomh ni ’s fhearr na rinn esan.” Thoisich e a rithist ri labhairt mu ’n droch chrich a thainig air a mhac ’s air a nighinn; agus thug so oirnn le cheile teannadh ri gul ’s ri caoidh. Mu dheireadh, dhirich sinn suas an staidhre; dhuin sinn an dorus-falaich cho math ’s a b’urrainn duinn. Leag sinn an t-ait-adhlacaidh, a chum gu’n cuireamaid falach air a’ bhreitheanas a thug Dia air na creutairean truagha a chuir a leithid a mhasladh orra fhein. Chaidh sinn air ais do’n luchairt gun duine ’g ar faicinn. Cha robh sinn ach uine ghoirid a staigh an uair a chuala sinn fuaim thrumbaidean is dhrumachan a’ teannadh oirnn. Thuig sinn gu’n robh armailt laidir a’ tighinn do’n bhaile. Co bh’ ann ach an t-ard-chomhairleach a chuir m’ athar gu bas, agus a ghabh seilbh air an rioghachd aige. Cha ’n fhoghnadh leis greim a dheanamh air rioghachd m’ athar, ach dh’ fheumadh e greim a dheanamh air rioghachd bhrathar m’ athar mar an ceudna. Thainig a’ chuis cho ealamh air brathair m’ athar ’s nach robh uine aige gus a chuid shaighdearan a chur an ordugh catha; agus mar sin, cha b’ urrainn e e-fhein ’s a rioghachd a dhion o’n armailt mhoir a bha ’cuartachadh a’ bhaile. Ann an uine ghoirid bhrist iad a steach do’n bhaile, agus thainig iad do’n luchairt. Chog brathair m’ athar agus freiceadan a’ bhaile an aghaidh na namhaid cho treum, duineil ’s a b’ urrainn a bhith; ach bha tuilleadh ’s a’ choir mu’n coinneamh. Cha do gheill brathair m’ athar gus an do thuit e marbh. Air mo shon fhein dheth, chog mi cho math ’s a b’ urrainn mi. Ach an uair a chunnaic mi nach deanadh cogadh-feum ni b’ fhaide, smaoinich mi gu ’m b’ fhearr dhomh teicheadh le m’ bheatha na fuireach ri m’ mharbhadh. Gu fortanach fhuair mi air falbh le m’ bheatha, agus bha mi am falach car uine ann an taigh aoin de sheirbhisich an righ. Air dhomh a bhith mar so air mo chuart achadh le bron agus le mi-fhortan, cha robh rathad agam air a bhith sabhailte mur cuirinn mi fhein gu buileach as aithne. Air an aobhar sin, thug mi dhiom a h-uile ribe feusaig a bh’ orm, lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi umam eideadh caladair. Air an doigh so fhuair mi gu sabhailte am mach as a’ bhaile. ’Na dheigh sin fhuair mi air falbh, mar a b’ fhearr a dh’ fhaodainn, as an rioghachd a bh’ aig brathair m’ athar, le bhith ’gabhail frith-rathaidean agus a’ seachnadh gach aite anns an saoilinn am biodh daoine a dh’ aithnicheadh mi. An uair a thainig mi do ’n rioghachd aig an righ chumhachdach, Haroun Alraschid, bha fhios agam gu ’n robh mi saor o chunnart. Bha mi ’dol fo m’ smaointean feuch ciod a b’ fhearr dhomh a dheanamh, agus bhuail e ’s a’ cheann agam tighinn do Bhagdad, agus cuideachadh iarraidh air an righ; oir tha e air aithris anns gach aite gu ’m bheil e ’na dhuine cho iochdmhor ’s cho trocaireach ’s a tha beo. Thuirt mi rium fhein, gu ’n gabhadh e truas dhiom an uair a dh’ innsinn dha gach cruaidh fhortan troimh ’n deachaidh mi. Tha mi cinnteach gu ’n dean e sin; oir cha duilt e cuideachadh a thoirt do mhac righ a tha cho feumach air cuideachadh ’sa tha mise. An deigh dhomh a bhith aireamh mhiosan air mo thurus thainig mi an de gu geata ’bhaile so, agus thainig mi steach ann am beul an anamoich. Stad mi car uine ghoirid a leigeadh m’ analach, agus a smaoineachadh co an t-aite air an tugainn m’ aghaidh. Thainig an caladair so eile a tha ri m’ thaobh far an robh mi. Chuir e failte orm agus chuir mise failte airsan, “Tha e coltach,” ars’ esan, “gu ’m bheil thu ’nad choigreach ’s a’ bhaile so mar a tha mi fhein.” “Tha thu ceart gu leor,” arsa mise. Cha bu luaithe a thuirt e so na thainig an treas caladair a tha sibh a’ faicinn, far an robh sinn. Chuir e failte oirnn, agus dh’ innis e dhuinn gu ’m bu choigreach e a bha air ur thighinn gu ruig Bagdad. Agus, mar a bha nadarra gu leor dhuinn, rinn sinn braithreachas ri’ cheile, agus runaich sinn gu ’m biomaid a’ falbh an cuideachd a cheile. Aig a’ cheart am bha e air fas anamoch ’s an fheasgar, agus cha robh fhios againn c’aite an rachamaid a dh’ iarraidh aite fuirich, o nach robh luchd-eolais againn anns a’ bhaile, agus nach robh sinn ann riamh roimhe. Gu fortanach thainig sinn (Air a leantuinn air taobh 6.) [TD 4] [Vol. 6. No. 1. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI. 2 IULAIDH, 1897. Tha sinn a’ leughadh an dràsda ’sa rithist mu réiseamaidean Gàidhealach a thatar a’ cur air chois ann an caochladh àitean an Canada. Tha reiseamaid de Ghillean an Fhéillidh ann am Montreal o chionn treis a bhliadhnaichean, te eile ann an Toronto, agus ma ’s math ar beachd, tha te ann an Vancouver. Tha iad so uile air an sgeadachadh anns an deise dhùthchasaich, agus tha iad air am meas am measg nan réiseamaidean a’s fhearr a tha ’n Canada air fad. Nach bu chòir réiseamaid no dha dhe ’n t-seòrsa sin a bhi againn ann an Ceap Breatunn? Cha ’n eil cearna de Chanada anns am faighear na fior Ghàidheil cho pailt ’sa gheibhear iad air an eilean so, ach ged nach eil fhéin, cha ’n eil réiseamaid de shaor-dhionadairean againn a tha air an éideadh anns an deise Ghàidhealaich. An aon réiseamaid de dh’ arm-coise a th’ againn, ’sa tha aig an àm so anns a’ champa faisg air Baddeck, abrar na “Gàidheil Earra-ghàidhealach” riutha, ach cha ’n eil féilleadh no breacan m’ an timchioll idir. Cha ’n aithne dhuinn gu bheil ni ’gan comharrachadh o réiseamaidean eile, ach gur h-i bhonaid is còmhdach-cinn dhaibh, agus gu bheil piobairean aca. Cha ’n eil so mar bu chòir idir. Cha ’n eil an Riaghladh deònach cosg ri deiseachan Gàidhealach a chur air réiseamaid sam bith de shaor-dhionadairean, oir tha iad moran na ’s cosgaile na na deiseachan cumanta, agus ’se ’n dòigh air an d’ fhuair réiseamaidean Mhontreal, Thoronto, agus Vancouver iad, gu robh airgead air a chur cruinn le muinntir nam bailtean sin air son an aobhair. Nach bu chòir oidhearp a thoirt air an ni ceudna dheanamh ann an Ceap Breatunn? Tha sinn cinnteach nam biodh oidhearp cheart air a toirt gu ’n gabhadh airgead gu leòr cur cruinn. ’Nam b’i ’n deise Ghàidhealach deise na reiseamaid so, bhiodh barrachd mor spéis aig òigridh na dùthcha bhi innte, agus cha b’ fhada gus am biodh i air aon de ’n fheadhainn a’s fhearr a tha ’n Canada. Tha sinn an dòchas gu ’m feuchar an ùine ghoirìd ri airgead a chur cruinn agus nach ruith moran time gus am faic sinn na “Gàidheil Earra-ghaidhealach,” anns “An fhasan sin a chleachdadh leo; An t-eille grinn ’s an gartan, An cota gearr, ’s am breacan Air a phasgadh air a ghuallainn.” B’e Dior-daoin latha-breith Chanada. Tha deich bliadhna fichead air a dhol seachad o’n rinneadh na mor-roinnean, a bha roimhe sin a’ deanamh air an son fhéin mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad; aonadh ri chéile, agus tha iad uaithe sin air an riaghladh mar aon dùthaich. Tha Canada an deigh adhartas mor a dheanamh o’n uair sin. Aig àm an aonaidh cha robh ann dhith ach na ceithir mor-roinnean, Nobha Scotia, New Brunswick, Cuibeic agus Ontario; an diugh, a bharrachd orra sin, tha Eilean a’ Phrionnsa, Manitoba, Columbia Bhreatunnach agus raointean mor an Iar-Thuath air an gabhail a stigh. Tha Canada an latha ’n diugh ’ga sineadh fhéin cho fada ’n ear ’sa leigeas an Cuan Atlantach i, agus an iar cho fada ’sa leigeas an Cuan Ciùin i; a deas gu crioch thuath nan Stàitean, agus a tuath na ’s fhaide na fhuair mac an duine riamh a dhol. Tha Canada an diugh ’na dùthaich gle ghealltannach ann an iomadh dòigh, agus tha i ’tarruinn aire na seann dùthcha agus dhùthchannan eile mar nach robh i riamh roimhe. Ged a bha moran ann am mor-roinn Nobha Scotia gle shearbh an aghaidh an aonaidh ’uuair a rinneadh e, ’se ar barail nach eil iad ach gle ainneamh an diugh a bhiodh air son a chur m’a sgaoil. Cha robh an latha air a choimhead cho math air an turus so ’sa b’ àbhaist, a thaobh Iubili na Ban-Righ’nn a bhi cho faisg air, ach ’se ’s dòcha, mar a bhios tim a ruith ’s a bhios an sluagh a’ gabhail beachd air eachdraidh an dùthcha, gu ’m bithear ’ga choimhead na ’s fhearr na h-uile bliadhna. Sgaoil Ard-Phàrlamaid Chanada Di-màirt. Bha i ’na suidhe gu math na b’ fhaide na bha dùil a bhitheadh i, ach bha iomadh ni ri ruith air mu ’m b’ urrainn i sgaoileadh, agus bha moran aig na fir ri radh mu gach ni dhiubh sin. Chaidh barrachd us aon bhill a bha aig an Riaghladh ’san amharc a leigeadh seachad a chionn nach robh ùine ann air son an cur air adhart. Tha deich mile dolair air a chur air leith leis an Ard-Riaghladh air son acarsaid Phort Morien a chur an uidheam na ’s fhearr. Bha am breakwater air a mhilleadh gu mor o chionn da bhliadhn’ air ais, agus tha làn àm a chàradh. ’Nuair a nithear sin, cha ’n eil fhios nach bidh timeannan beagan na ’s fhearr, ’sa bhaile sin, oir cha bhi ni a’ cur bacadh air cur a mach a ghuail. Tha MAC-TALLA leis an àireamh so a tòiseachadh air bliadhn’ eile. Tha sinn an dòchas gu ’n dean iadsan a tha ’ga ghabhail an dleasanas d’a thaobh air a’ bhliadhna so. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 5] [Vol. 6. No. 1. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha na suidheagan làir a nise ’gan creic anns a bhaile; tha iad gu math daor, 80cts an galan, ach cha ’n fhada gus am bi iad na ’s saoire. Bha a’ chùirt mhòr ’na suidhe anns a’ bhaile deireadh na seachdain s’a chaidh agus air an t-seachdain so. Bha aireamh mhor de chàsan air a beulaobh, agus ’se ’s dòcha gu ’m bi àireamh mhath dhiubh nach bi air am feuchainn aig an àm so. Tha sinn a’ mealltuinn side gle bhriagha o chionn còrr us seachdain; ’se sin tha turadh agus grian againn, ach tha fuachd mor anns a’ ghaoith fhathast. Thatar ag radh gu robh reothadh ann oidhche Di-màirt. ’S iomadh bliadhna o nach robh leithid a dh’ fhuachd ann mu ’n àm so. Bha an t-Urr. E. S. Bayne, ministeir Mhabou, agus an t-Urr. Alasdair Ros, ministear Hogamah, ann a’ Winnipeg air a mhios a dh’ fhalbh, a’ frithealadh Ard-Sheanadh na h-eaglais Chléirich, a bha cruinn anns a’ bhaile sin. Cha robh de mhinistearan an eilein aig an Ard-Sheanadh ach iad fhein. Tha am bàta-smùide “Peerless” a nise ’deanamh an aiseig mar a b’ àbhaist. O chionn da sheachdain air ais sguir i a ruith, agus bha chuideachd leis ’m bu leis i ’dol ’ga cur eadar Baddeck agus na Narrows Mhora. Ach cheannaich cuideachd a mhuinntir Shidni agus Shidni Tuath i, agus chuir iad a dh’ obair i far an robh i roimhe. Tha mar sin an da bhàta deanamh an aiseig mar a bha iad o chionn da bliadhna. Tha gach aon a’ deanamh coig turuis gach latha. Chaidh clàr-chuimhne a chur suas ann a’ Halifax a sheachduin gus an diugh, mar chuimhne air Sir Iain Cabot, am maraiche treun a chuireadh a nall le ùghdaras righ Shasuinn a shireadh dhùthchannan ùra, agus a fhuair am mach tir-mor America air toiseach air gach duin’ eile. Cha ’n eil teagamh sam bith aig na daoine ’s fiosraiche mu ’n chuis nach ann an cearn eigin de Cheap Breatunn a thainig e air tir, agus ’s bochd an gnothuch mur bi carn-chuimhne air a cur suas dha air an eilein so. Chaidh an dithis dhaoine a bhrist a mach as a phriosan an so o chionn da mhios no còrr, na Guthros, a ghlacadh ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fhalaich iad iad-fhéin anns an t-soitheach-smùide Turret Chief nuair a bha i falbh gu Montreal; fhuaireadh a mach iad air an turus agus chuireadh an greim iad cho luath ’sa rainig an soitheach a ceann-uidhe. Thugadh air ais gu Sidni iad oidhche Di-luain s’a chaidh, agus tha iad ri bhi air am feuchainn aig a chùirt mhòir. Tha Ard Lodge nan Good Templars ri bhi cruinn ann am Baddeck air an t-seachdain s’a tighinn. Bi’dh a cheud choinneamh aca oidhche Di-màirt, aig ochd uairean, agus bi’dh coinneamhan aca Di-ciaduin agus Dior-daoin. ’Se so a cheud uair dhaibh tighinn do Cheap Breatunn, agus tha sinn an dòchas gu ’n còrd an turus riutha gu math. Tha na Templars, o chionn bliadhna no dha air ais, air fàs gle làidir air an eilean so. Tha àireamh mhor dhiubh as a chuid so de ’n eilein a’ dol gu Baddeck air a’ Mharion Di-ciaduin. Tha timeannan gle fhad air ais air an t-samhradh so; tha ’n t-airgead gann agus tha e doirbh do na tuathanaich pris cheart fhaotainn air ni sam bith a th’ aca ri sheachnadh. Tha pris an ime anabarrach iseal, na ’s isle na bha e o chionn iomadh bliadhna. Bha tuathanach a mhuinntir Mhabou ann an Sidni Tuath air an t-seachdain so, a creic ime, agus cha ’n fhaigheadh e air ach da shent dheug am punnd. B’ àbhaist do na tuathanaich timchioll Shidni a bhi faighinn ochd deug us fichead sent am punnd air an cuid ime fad an t-samhraidh, ach am bliadhna cha ’n fhaigh iad air ach coig deug no sia deug. Chosg baile New York, air a bhliadhna ’n uiridh, còrr us muillein dolair ($1,085,330) ann an soillseachadh sràidean a’ bhaile air an oidhche. Chaochail fear de bhuill na h-Ard-Phàrlamaid, Mr. C. E. Pouliot, a siorrachd Temiscouta, an Cuibeic, air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh e anns an Ard-Phàrlamaid ach beagan us bliadhna. Bha e ’na fhear-lagha, agus bha e da fhichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Chaidh càin da dholair, a bharrachd air còig dolair cosguis, a chur air duine ann am Musquodobit, N. S., an la roimhe, a chionn nach robh e biathadh a chuid each mar bu chòir dha. Bu mhath an airidh, agus cha b’e na aonar a thoill déiligeadh ris air an dòigh ud. Chaidh dithis bhraithrean, Simon agus Jeffrey Boudrot, a bhàthadh ann an Arichat a sheachduin gus an Di-luain s’a chaidh. Bha iad fhéin agus bràthair eile a mach le bàta a’ glacadh ghiomach ’nuair a chuireadh am bàta thairis. Ghreimich an treas fear ris a bhàta, agus fhuair e gu tir beò, ach bha ’n dithis aca-san air am bàthadh. Bha fear dhiubh pòsda, agus dh’ fhag e coiguear chloinne. Iadsan a Phaigh. Seonaid A. Cheanadach, Valley Mills. Alasdair Caimbeul, Centreville. A. D. MacNeill, Orangedale. Eobhan Moireastan, Marion Bridge. Calum Bryden, am Baigh ’n Ear. Iain Domhnullach, am Baigh ’n Ear. $1.50 I. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain. R. H. MacCoinnich, Forks Shidni. Donnacha Mac Gill-fhinnein, Sidni. $2.00 An t-Urr. Iain Friseal, Cladach a Tuath. An t-Urr. Calum Mac Leoid, Baile nan Gall. A. D. Mac Cuthais, Taobh Loch Lomond, Seumas Calder, am Beigh ’n Iar. $2.00 Iain Mac Coinnich, Gut Mhira. Tearlach Buchanan, Sidni Tuath. Aonghas Buchanan, Marsh Lake. Bean Choinnich ’Ic Gill-fhinnein, Melford. R. H. Mac-a-Phearsain, Blue’s Mills. Uilleam A. Moireastan, Sidni. 50c Seumas R. Dughlach, Grand Mira Tuath. 50c Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien. 50c Seonaid Mhathanach, Drochaid na h-Aimhne Tuath, (25c). Barbara C. Leitch, Binkham, Ont. 25c Iain Mac Thearlaich, Ottawa, Ont. D. I. Caimbeul, Hamilton, Ont. Iomhar Mac Cuinn, Stayner, Ont. N. A. Domhnullach, Ripley, Ont. Iain Dughlach, Sowerby, Ont. Iain Mac Amhlaidh, Tobar-Mhoire, Ont. An t-Oillear I, D. Prince, Ringwood, N. J. Bean Iain Dhùghlaich, Moreton, N Dak. Donnacha Caimbeul, Virden, Man. D. C. Dùghlach, Regina, Assa. D. M. Mac Fhionghain, Glenmartin, E. P. I. $4.00 Aonghas Mac Neacail, Elliots P. O. E. P. I. Donnacha Blue, Little Sands, E. P. I. Uisdean Mac-an-Tòisich, Loch Katrine, N. S. $2.00 A. R. Mac Leoid, Stirling, Alba. Tha sinn duilich gu ’n d’ rinn sinn dearmad air ainm Aonghais ’Ic Neacail, á Elliot’s, E. P. I., a chur anns a phaipeir roimhe so. Ma tha neach sam bith eil’ ann air an d’ rinn sinn dearmad, bu mhath leinn cluinntinn uaithe, oir tha toil againn creideas a thoirt do gach aon air son na chuir e ugainn. BAS. Aig a Bharasois air Di-donaich an 20mh latha de ’n mhios s’a chaidh, Niall Mac Neill, (Niall Mac Sheumais Neill) tri fichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Bu duine e air an robh meas mor aig a choimhearsnaich, agus air an robh deagh chliù aig na h-uile. Dh’ fhàg e bean us ceathrar chloinne. R. I. P. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .30 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MACKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stor mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd ghabhail thoirt dha. CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA $1.00 SA BHLIADHNA. [TD 6] [Vol. 6. No. 1. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 3.) a’ dh’ ionnsuidh a’ gheata agaibhse, agus ghabh sinn de dhanadas oirnn fhein bualadh aige. Cha ’n urrainn sinn innseadh cho taingeil ’s a tha sinn air son gu ’n do leig sibh a steach sinn, agus gu ’n robh sibh cho caoimhneil ruinn. So a nis, a bhain-tighearna, na bheil agamsa ri innseadh mu thimchioll mar a chaill mi mo shuil dheas, agus c’arson a thug mi dhiom an fheusag, a lom mi mo mhaileadhan, agus a tha mi an so an drasta. “Foghnaidh sin,” arsa Sobaide; faodaidh tu a bhith falbh a dh’ aite sam bith a thogras tu.” Ghabh an caladair a leithsgeul, agus ghuidh e air na mnathan-uaisle leigeadh leis fuireach gus an cluinneadh e eachdraidh a dhithis chompanach, agus eachdraidh nan triuir dhaoine eile a bh’ anns a’ chuideachd. Thug na mnathan-uaisle an cead so dha; agus bha e gle thaingeil. Chuir an eachdraidh so a dh’ innis a’ cheud chaladair ioghnadh gu leor air a’ chuideachd gu leir, ach gu sonraichte air an righ. Ged a bha na seirbhisich ’nan seasamh ’s an t-seomar le claidhnean ruisgte ’n an laimh, cha b’ urrainn an righ gun labhairt ris an ard-chomhairleach ann an cogar mar so:—“Is iomadh naigheachd a chuala mi, ach cha chuala mi naigheachd riamh fhathast a bheireadh barr air naigheachd a’ chaladair.” An uair a bha e ’labhairt nam briathran so, thoisich an dara caladair ri innseadh eachdraidh a bheatha fhein do Shobaide. (Ri leantuinn.) AISLING DHOMHNUILL. Bha iasgair òg aon uair, an àird an iar na h-Alba do ’m b’ ainm Domhnull. Air feasgair ciuin, blath samhraidh, nuair nach robh deò gaoithe ann, bha e ’na shuidhe air creig air a’ chladach, a’ càradh a linn, agus ag amharc air na tuinn a bha ruith gu tir agus a’ bualadh a’ chladaich le fuaim ceòl mhor agus ciuineachail. Am feadh agus a bha e mar sin thuit e ’na chadal agus bhruadair e gu ’m faca agus gu ’n cuala e na nithe a leanas: Shaoil e gu ’n robh e a’ dol troimh ghleann fhada, dhorcha, dhomhain, anns nach robh ach ceum garbh a threòraich a suas gu bealach aig a’ cheann eile. Air da am mullach a’ ruigsinn, chunnaic e an sealladh a bu bhoidhche a chunnaic e riamh. Bha e ’na sheasamh air mullach beinne airde, agus fada fodha air gach làimh bha cnuic ghasda uaine, agus machraichean farsuinn, air an uisgeachadh le aibhnichean luatha, fior-ghlan, agus an sud agus an so bha coilltean daraich agus giuthais, agus anns an astar cho fada agus a b’ urrainn da faicinn bha beanntan mora, arda, a’ folach an einn aosda anns a’ cheò, agus uillt bheaga a’ tuiteam a nuas o an sliosaibh creagach agus a’ ruith gu mear troimh na glinn bhoidheach ann an gathan na greine. Fad air falbh bha taigh mòr, agus lios mhòr ghasda mu thimchioll agus air sgeoid bhig de fhearann seasg, clachach, bha dha no thri de bhothannan beaga iosal, ach cha robh clachan no taighean eile am fradharc, ged a bha laraichean loma gu leòir ri ’m faicinn anns gach àird. Cha robh fuaim ann ach meilich nan caorach ag ionaltradh am measg nan larach, agus ceilearachd nan eun a dh’ eirich as an fhraoch na h-uile ceann tacain. Chaidh e an sin leis a’ bhruthach agus air da bun na beinne a’ ruigsinn chunnaic e ceum garbh, caol, a rinneadh leis na caoraich troimh an fhraoch; lean e an ceum so astar goirid gus an do rainig e rathad mòr agus mhothaich e duine tighinn d’a ionnsuidh. Nuair a thàinig am fear so far an robh Domhnull, chuir e failte mhodhalach, uasal air, agus chuir Domhnull a leithid eile air-san. Le sin chuir an duine impidh air a dhol comhla ris a dh’ ionnsuidh baile big a bha fad air astar far am faigheadh iad lan di bheatha agus fardach oidhche. Bha e fo amharus an toiseach mu dheidhinn a’ choigrich so, ach co dhiubh, dh’ aontaich e a dhol leis agus dh’ fhalbh iad le cheile. Dh’ fhoighnich Domhnull ris cia as a thàinig e, agus fhreagair esan o nach do rugadh e ann am baile mòr gu ’n robh naire air a bhi ag ainmeachadh an àite bhochd as an d’ thàinig e. Chuir am freagairt so iongantas mòr air Domhnull oir tha fios againn uile nach eil naire air Gaidheal sam bith, an t-àite anns an d’ fhuair e arach ainmeachadh; ach ged a bha iongantas air cha d’ thuirt e tuilleadh mu dheidhinn aig an àm sin. Bha an rathad mòr air an robh iad a’ coiseachd ’gan treorachadh thairis air àitean-monaidheal, aonaranach gus an do rainig iad mu dheireadh—agus an dorchadas a’ tighinn orra—cladach creagach air an robh beagan sheann bhàtaichean agus air coimhead mu an timchioll chunnaic iad faisg air làimh, spréidh agus taighean agus na daoine leis am bu leis na bàtaichean. Nuair a chunnaic na daoine iad thàinig iad gu luath do an ionnsuidh agus chuir iad failte chridheil orra le cheile, agus thuig Domhnull o na thuirt iad, gu ’n robh lan eòlas aca air an duine a bha comhla ris, agus fhuair e mach gu ’m b’e Ruairidh a b’ ainm da ged a b’ fhearr leis gu ’n abaireadh daoine “Roderic” ris air eagal agus gu ’n saoileadh feadhainn gu ’m buineadh e do theaghlach bhochd. Thug na daoine an dithis leo do ’n bhaile agus chuir iad an oidhche seachad anns an taigh aig aon de na h-iasgairean. Dh’ innis Ruairidh do Dhomhnull gu ’n robh sinnsear a’ mhuinntir so, saor, neo-eisiomalach, sealbhach, ach chaidh an ceannsachadh le cinneach borb, fuilteach, mealltach, agus o an àm sin sios bha an sluagh ’nan tràillean rùisgte, gun mhisneachd, gun dòchas. Cha robh coir aca air oirleach de thir an athraichean; gu dearbh, cha robh iad ach ’nan coigrich ’nan dùthaich fein agus mur b’ urrainn daibh màl trom a phaigheadh, bha e ceadaichte do thighearnan an fhearainn, an crodh a ghlacadh, an taighean a losgadh, agus gach aon diubh fhògradh a mach as an dùthaich. Dh’ fhuirich Domhnull beagan mhiosan anns an àite so agus chunnaic e féin gu ’m bu bhrònach an daorsa anns an robh an luchd-aiteachaidh; bha iad ’nan tràillean maraon dhaibhsan a thug buaidh orra agus do thighearnan an fhearainn, ach rinn am buadhaichean oidheirp cho seasmhach, seolta, fealltach air cur as do gach smuain dùthchasach, fearalach, agus nach do mhothaich an sluagh an cor suarach anns an robh iad, oir is ann a ghabhadh iad mòran chorruich, nan abaireadh neach nach robh iad ’nan daoine gaisgeil, treuna; ach ged a chuireadh na miltean diubh a mach as an taighean agus as an tir a bha aig an sinnsear fad iomadh linn, cha do bhuail iad aon bhuille air an son féin, ach dh’ fhalbh iad cho samhach, sitheil ris na caoraich a thàinig ’nan àite. Fhuair e mach o na h-iasgairean gu ’n robh am baile air a riaghladh le ceithir daoine mòra: am bailidh, am ministeir, am maighstir-sgoil agus an t-osdair, agus gu ’n robh iad so ’nan dian naimhdean do ’n luchd-aiteachaidh. Thainig iad á aitean eile agus b’e am ministeir an t-aon fhear diubh aig an robh facal de chainnt an t-sluaigh, ach rinn an ceathrar an dichioll air muinntir a’ bhaile a chumail fo chuing tighearna an fhearainn. Bha am ministeir ’na dhuine cruaidh, spiocach, mealltach, agus bha e ro dheidheil air greim a dheanamh air nithe matha an t-saoghail so. Labharadh e an aghaidh seinn òran anns a’ chànain dùthchasach ach cha ’n abaireadh e facal an aghaidh na misge. Theireadh e gu ’n robh e ’na pheacadh do dhuine bochd, bradan a thoirt as an abhainn, ach cha robh guth aige riamh an aghaidh tighearn an fhearainn a bhi goid croitean nan daoine bochda. Ni sam bith a theireadh na h-uachdarain an aghaidh an t-sluaigh bu chinnteach gu ’n cuireadh am ministeir taic ris. B’ abhaist da bhi searmonachadh o cheann-teagaisg mar a leanas, “Cuir an cuimhne dhaibh bhi ùmhal,” no mar so, “Is beannaichte iadsan a ta bochd ’nan spiorad,” an aite a bhi ag ràdh riu, “Co dh’ eireas leam an aghaidh luchd-deanamh an uile?” mar bu chòir da ràdh. Cha robh am maighstir-sgoil dad ni b’ fhearr na am ministeir oir theagasg e sanntachd, fein-eileachd, agus tràillealachd do ’n oigridh. Bha e ag ràdh nach robh ann an cànain an t-sluaigh ach cainnt airson dhaoine borba agus gu ’m bu ghlic iad a bha ’ga fàgail agus ag ionnsachadh cànain am buadhaichean a chum agus gu ’n rachadh iad a dh’ ionnsuidh dùthchannan cein far am faigheadh iad pailteas airgid. Thuirt e mar an ceudna, nach robh feum ann a bhi deanamh oidheirp air an dùthaich féin a leasachadh oir cha robh ann an gradh-dùthcha ach amaideachd. Chreid an oigridh fhaoin na thuirt e agus rinn iad dearmad [TD 7] [Vol. 6. No. 1. p. 7] air cànain agus cleachdaidhean an sinnsear agus rinn iad sodan ri am buadhaichean. Le teagasg de ’n t-seorsa sin cha bu iongantach nach robh gradh-dùthcha aig aon diubh, no nach robh spèis aca do an cinnich fein; oir cha do chuala iad riamh facal mu dhuinealas, agus a thaobh ard-inntinn, cha robh fios aca-san no aig a’ mhaighstir-sgoil e-féin ciod a bu chiall do na facail. Bha irisleachadh na h-oigridh cho iomlan agus gu ’n diultadh iad ainm na dùthcha innseadh do choigreach agus nuair a dh’ fhoighnich Domhnull ri gille ciod e b’ ainm do ’n dùthaich sin, sheall an gille mu a thimchioll le coltas eagallach agus fhreagair e nach bu toigh leis na buadhaichean ainm na dùthcha bochda, boidhche sin a chluinntinn agus air an aobhar sin b’ àbhaist daibh a bhi ag radh N. P. nuair a bha iad a’ labhairt mu a deidhinn. Thug Domhnull buidheachas do ’n fhreasdal nach d’ fhuair oigridh na Gaidhealtachd a leithid sin de theagaisg. A thaobh an osdair bha e direach mar a tha a leithid anns gach dùthaich fo ’n ghrein agus is e sin mallachd cho dona agus a thàinig riamh air an duine. Bha an sluagh trom air a’ mhisg agus bha na h-uachdarain agus an t-osdair gle thoilichte gu ’n robh, oir bha fios aig na h-uachdarain nach deanadh misgearan oidheirp air bith air saorsadh na dùthcha a thoirt air ais, agus bu chinnteach an t-osdair, gu ’m bitheadh a bhuannachd fein math. Dh’ fhoighnich Domhnull ri a charaid Ruairidh an robh a’ mhuinntir uile mar so feadh na dùthcha agus fhreagair e gu ’n robh iad ni ’s miosa anns na bailtean mòra oir b’ àbhaist daibh a bhi ruith an deidh nan ceart uaislean a ghoid tir an sinnsear bhuapa. Bha iad ’nan traillean riaraichte, cor cho iosal agus is urrainn do dhaoine a ruigsinn. Faisg air a bhaile bha taigh mòr air a chuairteachadh le achaidhean siolmhor. Is anns an taigh so a bha am baillidh a’ còmhnuidh, duine a bha sonruichte airson aintighearnas agus uibhreachd; bha e air a lionadh le h-arral agus shaoil leis gu ’n robh e ’na dhuine ni bu mhò na righ sam bith air thalamh, ach dheanadh e gniomh suarach sam bith airson airgid. Bha a’ mhuinntir thruagh, fhaoin air an spùilleadh agus air an sàrachadh leis, ach ged a bha, b’ àbhaist daibh an cinn a chromadh sios agus am boineidean a thoirt diubh gach uair a thachradh iad air. Dh’ fhàs e ni bu mhiosa gach latha agus gun fheòraich co-dhiu an robh e ceart no nach robh, cho luath agus a bha e ’na chomas, cheannaich e fearann agus thilg e na tuathanaich a mach as. Bu lionmhor iad a chuir e as an croitean, ach ged bha fuath mòr aca da cha robh neach ann aig an robh a’ chridhe a radh ris, “Is olc a rinn thu.” Bha an righ agus na h-ard-uaislean uile a’ cumail neo-àitichte mòran mhiltean acairean de ’n dùthaich airson na sealgaireachd, agus air an aobhar sin nam faigheadh duine moran airgid, cheannaicheadh e oighreachd agus bhitheadh e ’ga fàsaicheadh, a chum agus gu ’n saoileadh feadhainn gu ’n robh e de na fior uaislean. B’e tighearn an fhearainn so fear de ’n luchd-buaidh agus chum e an oighreachd mhòr, bhoidheach sin mar fhàsach-fhiadhaich a thaobh ardanas agus a nochdadh gu ’n robh e ’na dhuine triathail. Bha e a’ tagairt nach robh coir aig neach sam bith uiread agus bileag fheoir a lubadh fo a chasan air an fhearann aige-san gun chead fhaighinn. Cha robh e còmhnuidh anns an dùthaich ach tri no ceithir seachduinean gach bliadhna, oir cha bu toigh leis aon chuid an dùthaich no an luchd-àiteachaidh. Thigeadh e ann an toiseach an fhoghair agus bheireadh e comhla ris bannal chairdean; daoine truailte cosmhuil ris féin. Chuireadh iad seachad an ùine a’ sealgaireachd nam fiadh agus nan eun fad an latha agus bhitheadh iad ag òl dibhe làidir agus ag iomairt airson airgid feadh na h-oidhche. Bha Domhnull a’ smaoineachadh air na nithe so uile agus is e so an co-dhunadh gus an d’ thàinig e: cho fada agus a bhitheadh na feidh anns na frithean, nach fhaigheadh duine sam bith fearann a chur gu feum, ach nam bitheadh na h-ainmhidhean so air an sgrios gu ’m faigheadh an sluagh fearann gu leòir. Bu chinnteach e gu ’n robh a’ mhuinntir ’nan amadanan, oir bu fhurasda fhaicinn nam bitheadh am fraoch air a losgadh gu ’m bitheadh crioch air a’ ghnothuch; agus mar sin chaidh e do ’n mhonadh aon latha agus chuir e teine ris an fhraoch. Ach mo thruaigh! bha a charaid Ruairidh ’ga fhaicinn, agus ruith e gu luath a dh’ ionnsuidh taigh a’ bhaillidh agus dh’ innis e da an ni a rinn Domhnull. Gu grad thionail am baillidh na h-uile duine a bha fo a smachd agus chuir e iad an toir air Domhnull. Chaidh iad a dh’ ionnsuidh na h airde far an robh an smuid ag éiridh gus an speur agus cha bu fhada gus am fac iad e agus e a’ sealltuinn do ’n ionnsuidh-san. Nuair a chunnaic e iad an toiseach shaoil e gu ’n robh iad a’ tighinn a chum buidheachas a thoirt da airson na rinn e air an son, agus air an aobhar sin dh’ fhan e ’na sheasamh, ach air daibh tighinn suas ris làimhsaich iad e gu garbh agus le sin—dhuisg Domhnull. Air fosgladh a shùilean da agus coimhead mu a thimchioll thuig e nach deachaidh e as a’ Ghaidhealtachd, dùthaich far am beil na ministirean a’ searmonachadh gach latha Sàbaid o’n cheann teagaisg so, “Is an-aoibhin dhuibh-sa a ta cur taigh ri taigh, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àite ann, agus gu ’n gabh sibh còmhnuidh air leth ann am meadhon na tire.” Bha e toilichte gu ’n robh e còmhnuidh ann an Albainn, far am beil Latha Allt a’ Bhonnaich air a chumail air cuimhne le teintean-aighear agus le gairdeachas mòr a dh’ aindeoin na their na Sasunnaich. L. L. Tha barrachd Mhohamedanach ’nan iochdarain aig Ban-Righ Victoria na th’ aig Sultan na Tuirce. Tha 40,000,000 aice-se, agus 33,000,000 aige-san. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-tagraidh. Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Gach seorsa bathar —AIG— McDonald Hanrahan & Co., SIDNI, C. B. BATHAR MATH. PRISEAN ISEAL. [TD 8] [Vol. 6. No. 1. p. 8] Albainn. Fàilte le dùrachd do dhùthaich nan àrd-bheann— An dùthaich a’s àille measg rioghachdan an t-saoighil Tha Galldachd ’us Gàidhealtachd gar tàladh le càirdeas, Gu dachaidh nan àrmunn; tir aghmhor ar gaoil; Daingeann ’us làidir tha lárach nam fraoch-bheann, Mar fhreiceadan laochraidh le’n sùil air a’ chuan, ’S troimh d’ chluanagan brìoghmhor tha’m fioruisg’ a’ braonadh— Ar cridhe tha ’g aomadh riut, Albainn nan stuadh. Alba! Tha t-eachdraidh ag ìnnseadh deadh sgéil ort, Do mhic cha do ghéill ’n uair a dh’éirich an nàmh, Air chuimhne gu dìlinn bidh gnìomh nam fear tréuna ’Us gloìr an cuid éuchd bidh mar shéud aig gach àl Tobar nan dàn thu a shàsaich na ceudan, ’S nan òran a ghleusas an cridhe gu ceòl, Sud dùisgidh gach aigne am bannaibh a cheile, Gu caidreamh beusach, gun éucoir, gun ghò. Tha cuimhneachain lionmhor ri fhaotuinn ’n ad chriochan, Bhios maireann lan brìgh aig gach lìnn agus àl, Am Martarach dìleas ’s an Bàrd a sheinn bìnn ort, Tha seinn ’us a stri dhuinn as ùr mar a bha; Dachaidh an fhìr-eoin ’s nan ciar bheanna fraochach— Dachaidh nan saoi le’n cuid bhreacan ’us clò, Tha Nàdur gu lèir a cuir sgèimh agus aoidh ort, Cha léir dhomh cho greadhnach ri Albainn a’ cheò. Eadar. le AONGHAS OG. ’S Cianail M’ Aigne. LE UILLEAM MAC COINNICH. ’S cian-ail m’aigne bho na mhadainn, Ghabh mi cead de’n ri-bhinn, Ti cho tait-neach riut cha’n fhaic mi, Ann an dreach no fiamh-achd; Bu thrian de m’lòn do bhriathran beòil, A’ teachd mar cheòl á sìbhruth; ’Si’n t-seirc a tha nad’ bhràghad bàn, A thaisg mo ghràdh gu dìomhair. Ciochan corrach, lionta soluis, Air do bhroilleach reidh-ghlan; Do sheang-shlios fallain mar an eala, No mar chanach sléibhe. Bas ionmhuinn, caoin nan geala-mheur caol, A’ dealbh nan craobh air péurlainn; ’S tu fialaidh glic, ’s do chiall gun tig, Air dìomhaireachd nan reultan. Do bhràighe glè-gheal mar ghath gréine, D’aghaidh réidh, glan mòdhar; Siunnailt d’éugais ’s tearc ri fhéutainn, Gur tu reul nan òighean. Gur bachlach, dualach, cas-bhui’, cuachach, D’fhalt ma’n cuairt an òrdugh; ’S ann tha gach ciabh mar fhàinn’ air sniamh, ’S gach aon air fiamh an òir dhiubh. ’Nighean aingil nan rosg malla, ’S nan gruaidh glana, nàrach; Dà shuil ghorm, mheallach, fo’d chaol-mhala, ’S gach aon a’ mealladh gràidh dhiubh. Tha mais’ ad ghnùis, gun easbhuibh mùirn; Beul meachair, ciùin, ni mànran, Do bhrìodal caomh, ’s do loinn maraon, A rinn mo ghaol-sa thàradh. Corp seamhaidh, bàn, choi’lìonas gràdh, Gach tì a thàradh iùl ort; ’S ann tha do shnuadh toirt barr air sluagh, ’S tu ’n ainnir shuairce, chliùteach. Do dheas chalpannan ro dhealbhach, Gun bhi meanbh, no dùmhail; Troigh chruinn, chòmhnard, dh’fhalbhas modhar, Nach dean feòirn’ a lùbadh. Cho glan ’us tù ’s neo shoilleir dhùinn, ’S mar ’ghealach thu ’n tùs éiridh; Beul tana mùint’, ’us anail chubhraidh, ’S siunnailt thù do Bhenus. ’S e chrùn do thlachd déud ùr mar chailc, Air dlùthadh ceart ri chéile; O’n tig an t-òran éutrom, ceòlmhor, Mar an smeòrach chéitein. Bho Fhlath nan dùl, tùs rath’ fhuair thu, Bhi modhail, ciuin, gun ardan; Tha iochd, us cliù, ’us loinn, ’us mùirn, Air glaodhadh dlù ri d’nàdur. ’S tu air do bhuain á friamh nam buadh, De’n tréun-fhuil uasail, stàtail; Thu fialaidh, pailt, an gniomh, ’s an tlachd, ’S do chiall co-streup ri d’àillteachd. Mi cian o d’ chaidreamh, ’s buan domh fhaidead, Dh’fhàg sud m’ aigne pianail; Osnaich do ghnà, gun fhios, gun tàmh, A fhrois gach blath dheth m’ fhion-fhuil. ’S e bhrosnaich deòir ’s a chlaoidh mo threoir, An ribhinn òg so thriall uainn; ’S tu ’s trom a dh’fhag mi ’òigh mo ghràidh, Le d’bhron a tà mi cianail. ’S cianail m’ aigne o na mhadinn, Ghabh mi cead de’n rìbhinn; Ti cho taitneach riut cha’n fhaic mi, Ann an dreach no fiamhachd. Bu thrian de m’ lòn do bhriathran beòil, A’ teachd mar cheòl á sì-bhruth; ’S i ’n t-seirc a tha na d’ bhràighe bàn, A thaisg mo ghradh gu dìomhair. Thainig bàs gle aithghearr Di-haoine s’a chaidh air Seumas Stiubhairt, ann an Pictou, mac do’n Urr. Murchadh Stiùbhart, a bha àireamh mhor bhliadhnaichean ’na mhinisteir ann a Hogamah. Thuit e marbh ann an cathair ’na oifis fhéin. Chaidh an cléreach aige mach, ’ga fhàgail a reir coltais ann an slàinte mar a b’abhaist, ach air dha tilleadh an ceann beagan mhionaidean fhuair e marbh e. ’Se tinneas a chridhe thug a bhàs. Bha e ’na fhear-lagha math, agus ’na dhuine gle mheasail. Càlldaichidh ’m biadh fiadh na beinne. THA LUCHD-LAGHA. agus gach neach eile bhios ri obair-eanachainn buailteach do Stamag Gheur, no Ghaothar, Losgadh-bràid, ceann-goirt, Teanntachd, agus iomadh eucail eile a th’ air an aobharachadh le Cion-cnamhaidh. Air teisteannas àireamh mhor de dhaoine ainmeil, mholamaid K. D. C. agus K. D. C. Pills, mar an da leigheas mor air son nan eucailean sin. Bheir iad faothachadh mor, glanaidh iad an eanchainn agus na sùilean, agus cuiridh iad neart ùr anns a chorp gu h-iomlan. FEUCH IAD. K. D. C. Company, New Glasgow, N. S., and 127 State St. Boston, Mass. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd. Indurated Fibreware Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 9] [Vol. 6. No. 2. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 9 IULAIDH, 1897. No. 2. A Loch Lomond. FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN:—Bha rùn orm sgriobhadh ad ionnsuidh o chionn fada, ach chuir mi dàil ann riamh uige so. Tha sean-fhacal ag radh, “An rud a theid air dàil theid air dearmad,” agus cha ’n eil teagamh nach robh sin air éiridh dhòmhsa mur b’e gu’ m faca mi an litir thaitneach a chuir an “Cuairter” anns a’ phaipear. Anns an litir sin mhol e Loch Lomond gle mhath ach cha do mhol e idir i mar a dh’ fhaodadh e. Dh’ àraich Loch Lomond triùir mhinisteirean nach do dh’ ainmich esan idir. B’ ann diubh sin an t-Urr. Uilleam Moireastan, á Loch na h-Earradh, agus na h-Urr. Tormaid Mac Leòid agus Donnachadh Mac Coinnich, á Loch Uidhist. Bha mar an ceudna dithis Mhoireastanach a tha ’nan lighichean, air an àrach an Loch na h-Earradh. Ach tha mi creidsinn nach cuala ’n “Cuairtear” iomradh sam bith orra so, ar-neo dh’ ainmicheadh e iad. Thuig mi gle mhath co e, ged nach robh moran eòlais agam air, agus mur do leig e dheth a’ bhàrdachd, nach neonach nach d’ rinn e rann no dha do ’n each a thainig ri bheatha fhéin. Thug an “Cuairtear” deagh chomhairle air na gillean, iad a dh’ fhàgail nan each aig an tigh, na ’n gabhadh iad i; ach ’s iad nach gabh, ’s gur ann ’nuair a bhios e dol a choimhead air a leannan a’s fhearr leis gach fear dhiubh each a thoirt leis, gu seachd sònruichte ma ’s each luath e. Ach ’s fhearr dhomh sgur gu ’n fhios nach gabh iad gu h-olc e. A’ guidhe soirbheachadh math le MAC-TALLA an latha chi ’s nach fhaic, Is mi, B. M. A Loch a’ Chanu. Bha pic-nic againn ann an so air an 22 latha de ’n mhios s’a dh’ fhalbh; smaoinich sinn nach bu chòir dhuinn an latha bhatar a coimhead anns gach cearna de fhearann Breatuinn a leigeadh seachad gun ni-eigin de chridhealas a bhi againn. Bha a’ phic-nic gle mhath, bha àireamh mhath cruinn agus bha seinn gu leòr againn. Thug sinn treis a’ coiseachd ’nar càraidean, agus a reir mo bharail fhéin b’e sin a’ chuid a b’ fhearr, dhe ’n chùis air fad. Ged nach robh ar n-àireamh gle mhor, bha ar meàrsadh cho math ’s ged a bhitheamaid air a n-ùine chur a stigh ’s an arm. Tha Pàdruig Dùghlach, a bha ’cumail sgoile an so o chionn bliadhna a nise gu ar fàgail, agus tha sinn gle dhùilich, oir tha sinn uile gle mheasail air. A bharrachd air e bhi deanamh a dhleasanais mar mhaighstir-sgoile cho math ’sa dh’ iarramaid, bha e re a gheamhraidh a cumail sgoil-sheinn, agus fad na h-ùine bha e maille ruinn, bha e gach latha Sàbaid a teagasg Class Biobuill Gàilig; tha sin an deigh roinn mhor dhe ’n òigridh a thoirt gu bhi ’leughadh na Gàilig gu fileanta, agus cha b’ iongantach leam ged a chuireadh e àireamh de luchd gabhail ùr an rathad MHIC-TALLA. Bha na giomaich anabarrach gann ann an Gabarus am bliadhna, na ’s gainne na bha iad riamh roimhe. Dh’ fhàg sin tuarasdal nan iasgairean iseal, agus chuir e na gillean ’s na h-igheanan a bha ’g obair anns na factoridhean dhachaidh na ’s tràithe na b’ àbhaist dhaibh. Agus, ged is bochd leinn iad a chall na h-obrach, ’s math leinn am faicinn gu slàn, fallain. Tha muinntir an àite so stigh ann an Sidni na h-uile seachdain a’ ceannach flùir agus gach goireas eile a bhios a dhith orra. Gheibh iad gach seorsa bathair gu math na ’s saoire an sin na gheibh iad an Gabarus e. Tha am flùr an Gabarus a’ creic eadar sia dolair ’s sia us cairteal am barailte; gheibh sinn ann an Sidni e air ceithir dolair. Tha marsantan Ghabarus air son na tha iad a’ call air na giomaich a dheanamh suas air an fhlùr. Cha ’n fhaighear air im an so ach 13c. no 14c. am punnd, agus cha ’n fhaigh thu uiread us taing air na h-uidhean. Bidh mi tigh’nn gu crich aig an àm so. An ath uair a sgriobhas mi, theagamh gu’ m bi barrachd agam ri ràdh. Slan leat. Is mise do charaid, CEANN RUADH. Seann Sgeulachdan. MIANN NA BAN-EIREANNAICH. Bha duine uasal àraid ann an Eireann agus bha a bhean ro throtn air an òl. Cha ro fiù a léine nach reiceadh i gu ceannach an uisgebheatha. Bha an duine air eigneachadh leatha, ’s cha romh fios aige ciod e ’dheanadh e gu thoirt oirre ’n t-òl a thréigsinn. Mu dheireadh, ’s ann a chaidh e gu lighiche ’bha ’s an àite ’dh’ iarraidh comhairle air son a galair. “Am bheil e n’ur comas nì sam bith a thoirt domh air son bean a bhios a gabhail na daoraich?” ars’ an duine. “’N e puinnsean a tha uait” ars’ an lighiche, “mas e, iarr gu fearail e, ’s na bi ’deanamh éis?” “O cha ’eil mise ’g iarraidh puinnsean, ach rud-éigin a bheir oirre sgur de ’n òl.” “Na ’m b’ urrainn mise leigheas a thoirt air a ghalair sin,” ars’ an lighiche, “bha m fhortan deanta. Ach coma co-dhiù, dian mar so nochd. Thoir leat galan uisgebheatha agus leig leatha òl gus gu ’m miannach leatha fhéin sgur; agus theid mise n’ rathad ’s a’ mheadhon oidhche.” Mar so bha. Thug an duine leis an t-uisge bheatha. Dh’ òl a bhean e, agus anns a’ mheadhon oidhche, thàinig an lighiche. Dh’ fhalbh an dithis leis a bhean, agus shìn iad i fuar marbh leis a mhisg ann an seilear iochdrach seann chaisteil a bha ’s a’ nàbuidheachd. An deigh beagan cadail, dhùisg i agus shìn i air feòrachd c’ àite an romh i. “Tha thu ann an tìr na bithbhuantachd” ars’ an lighiche ’bha ’g a fhalach fhéin air a cùl-thaobh. “Agus c’ fhada ’tha mi ’s an tìr so?” ars’ ise. “Tha còrr is bliadhna” ars’ an lighiche. “’S cinnteach gu’ m bheil mi marbh ma tha mi cho fada sin ann” ars’ ise. “Tha cho marbh ri clach.” “Agus am bheil thusa marbh mar an ceudna?” “Tha.” “Agus c’ fhada tha thu ’s an dùthaich so?” ars’ ise “Tha còig bliadhna,” ars’ an lighiche. “Gun teagamh tha sinn uile marbh.” “Tha, gach neach againn.” Air do ’n lighiche ’m fheagairt so a thoirt di, rinn i suidhe agus air son seal beag lean i air smuaineachadh gu cùramach. Cha robh fhios aig an lighiche ciod e a bha i ’dol a ràdh. Mu dheireadh thuirt i—“Tha mi cinnteach gu’ m bheil thusa gu math eòlach ’s an àite; am bheil fios agad c’ ait’ am faigh mi uisge beatha.” Cha robh fhios aig an lighiche ciod e ’dheanach e ’n uair a chunnaic e gu’n do shir i’n dram ann an dùthaich nan spioradan; ’s thug e ’chasan as. Bha latha no dha dhe ’n t-seachdain so anabarrach blàth, cho blàth ’sa thainig air an t-samhradh so. Tha ’n samhradh gle fhada tighinn air a bhliadhna so, ach ’nuair a thainig e, ma ’se ’s gu ’n d’ thainig e, tha e blàth. Is e ’n samhradh grianach ’ni ’m Fogharradh ciatach. [TD 10] [Vol. 6. No. 2. p. 2] SURIDH RIASLACH. Iomradh Ath-gearr Mu ’n Luidealach Uilleam Mor. LE. AILEAN D. MACPHILIP. Bha ceud ’s na H-earradh cho tlachdmhor ri Uilleam Mòr, mar a’s minig a theireadh a nabaidh Dòmh’ull, gidheadh bha geall mòr aig cuid do na cailleagan a bha ’s a choimhearsnachd air. Cha ’n ’eil teagamh gu ’n robh an fhéill air cho mòr agus a bha e cuir an céill, ach bha e na riarachadh d’a inntinn fein, ’s cha robh e gu call do neach eile, e bhi ’g altrum a leithid do so bheachd. Theireadh luchd a’ mhi-rùin nach robh e faighinn gabhail ris cho caoimhneil ’s a bha e ’g radh, ’nuair a bha e cho tric ag atharrachadh a lìn agus a fiachainn iolla ùr. Biodh so fior na choachladh, tharlach air geamhradh àiridh gun fhuair Uilleam e fein air a tharruing gu làidir le maise Anna nic Eoghain agus b’ ainneamh am feasgar nach robh e gu sùrdail a a stiùreadh a cheumanan air a’ dachaidh ’nuair a chiaradh an là. ’S e chùis ’bu dorranaiche leis, agus dha, gu robh Anna gabhail a comhnuidh ann an eilean a dh’ionnsuidh nach robh e ’n comas tighinn gun chomhnadh gille ri àm na h-oidhche. ’Nuair a bhiodh a muir-làn ann bha ’n companach freagarrach gu cuidachadh iomraidh a thoirt seachad; agus ’nuair a bha ’n fhaoghail ann bha dithis iomchuidh chum agus nach biodh cothrom air a thoirt do na tannaisg Uilleam a’ sgioblachadh leo mar a dheanamh iad nam biodh e na aonar. Fhuair e companach gu thoil ann an Niall Breac, mac Mairi a bha coma gu de t-àm a rachadh e laidhe agus a cheart cho mi-shuaimeil mu cuin a dh’ éireadh e. Chaidh an comunn a shuidhachadh air na cumhnantaibh a leanas: Uilleam gu leannan fhaighinn do Niall; Uilleam gu Niall aiseag air a dhruim an oidhche bhiodh an tràigh ann; Uilleam gu leth-bhodach san t-seachdain a sheasamh do Niall ’nuair a b’ éigin dhaibh eithir a thoirt leo. Chaidh gach ni shuidheachadh gu freagarrach agus an sin thòisich an t-suiridh riaslach. Bha chùis cho neo-chinntach co ’n oidhche thigeadh na gillean agus nach robh e’n comas sùil a mach a chumail air an son daonnan; ach fhuair iad thairis air a so le doigh gle eifeachdach air aire na cloinn-nighean a tharruing ’nuair a thigeadh iad do ’n bhaile. B’e so an dòigh; bha tigh Eoghain fo bhonn brùich agus mulach an tighe cothrom ris a’ chnoc, agus bha e mar so furasda ceum a chur thar na talamhainn gus an tota. Aon uair ’s gu ’m faighte suas cha ro ni ach caoran mònadh a thilgeadh troimh ’n luibhear ma thuaram an ait’ anns am biodh Anna na suidhe. Dh’ oibrich so glé mhaith gus an do bhuail caoran am bodach aon oidhche agus an sin thuig e gu de b’ aobhar do ’n fharbhas a chleachd a bhi thall sa chùl-mhòna far “nach cluinnt’ ach fuaim air cuman agus glig air coire,” fad na h-oidhche. Rinn e chùis cho teth do dh’ Anna ’s gun do dh’ aidich i gu dleasdanach dha nach d’ thugadh i gnùis do dh’ Uilleam tuilleadh na do dh’ aon sam bith eile nach gabhadh àm agus doigh na b’ iomchuidh gu ’s a ghnothuch a chuir an ceill na rinn esan. Uaith sin a mach shuidhich Uilleam còir aigne air Mòrag Nigh’n Domh’uill, ban nabaidh Anna. Bha da aobhar air a so. B’e cheud fhear dòchas gun cuireadh e mi-shuaimhneas air Anna mar dhioghaltas air son a chead a thoirt dha; agus b’ e darna aobhar, eagal gu ’n canadh nigheanan a bhail’ aige fein gu ’n do fhairslich air leannan fhaighinn san eilean idir. Bha e na b’ fhasa caismachd a thoirt do Mhòrag an oidhch’ a thigeadh e, oir an aite streap gu mullach an tighe agus fios a lathairachd a chuir troimh an luibhear bha e na chomas e fein a dheanamh aithnichte da luaidh aig an uinneig. ’S e ’n fhirinn nach cuireadh an uinneag duilicheadas mòr roimh’ oir cha robh ann dhith ach an gad air an robh ’n t-iasg, ’se sin ri ràdh ceithir biorain agus luideag. Cha robh an luideag daonnan innt’ ach an uair a bhiodh an cathadh a muigh; agus aisde ’nuair bhiodh an ceo ’stigh. Air oidhche do na h-oidhchean fhuair Uilleam agus Niall iad fein gu h-aotrom, iollagach air a t-slighe gu Mòrag, Uilleam a gabhail “Orain Phabidh” (le Niall MacCoinnich). “’S ann mu tiomchull tha ’n gàradh Nach tuit bearn ás gu leumar e; Cha tuit clach gu Là-bhràth ás ’S daingean làidir an stéidh a th’aig.” Bha Niall air an leth-bhodach abhaistach òl, no mar theireadh e fein air “Mac-na-braiche chuir na dheann le slighe na firinn,” agus ga fhairachdain fein cho riaraichte le shuidhachadh saoghalt’ ’s nach robh dhith air ach cothrom fhaotainn air caoimhneas a nochdadh da chomh-chreutairean. Bu mhòr a ghairdeachas mar sin ’nuair a thuig e gum bu mhiann le ’chomh-fhear-turuis gu faighadh e cas thioram thar na faoghlach. Thug e Uilleam thairis tioram, e fein a guìlan bròg ann ’s gach laimh agus a bhriogais ma amhaich. Co tuath ’s a bha ’n cas air tir taobh thall a chaoil chaidh Uilleam suas a leigadh fhaicinn do Mhòrag gun robh e air teachd agus d’ fhàg e chompanach a dol na chuid aodaich agus na chaisbheart air an mhol. Air do ’n oidhche bhi car ciùin, an connadh fluich bha barrachd ’s a dhiol aig an luibhear na bha ga ruighinn do cheò leigadh roimhe agus bha mar so an uinneag ga chuidachadh mar a b’ fhearr a b’ urra dhith agus an luideag air a tilgeadh a thaobh. B’e so suidhachadh an teaghlaich ’nuair a rainig an siad am baile; bha bean an tighe gu trang ag armadh; ciarachan lan cloimheadh fo bhac a h-iosgaid; bha nighean a cireadh fa chomhair a ghealbhain, agus an sean duine na shineadh air a bheingidh gu dùrachdach a beachdnachadh air luchd a challanais. Le barrachd déigh air sealladh ceart fhaotainn do ’n nighinn, dhinn Uilleam a cheann a steach troimh ’n uinneig gun aon uair smaointeachadh air gum bu chomas do neach a bhi air an taobh sin do’n tigh. ’Nuair chunnaic am bodach an aogaisg fhiasagach bhiorach aig an t-suiriche tigh’n a stigh gu failidh shaoil e gu robh crioch a thuruis air teachd, agus ghlaodh e, “’Mhuire coisrig mise, aodan duine gun dad ceangaillte ris air tigh’n a stigh!” Aig a cheart àm thug e leum na sheasamh, ach ann a bhi ga chruinnachadh féin dha ’s gann nach do bhuail e cheann ma ’n aghaidh a bha ’san uinneig. Shaoil Uilleam gur h-e ’n fhirinn a bh’ aige, agus a gabhail ceann a bhodaich dha an riochd an “aodan gun dad ceangaillte ris” leig a sgiamh as a chuir crith air na bha stigh agus clisgeadh air moran a bha muigh. Shlaod e leis a cheann agus le barrachd na cabhaig spion e leis an uinneag ás a’ bhalla. Sios am mol gun deach e na ruith a giùlan a bhraighid iongantach so, uinneag a chliamhuinn ma amhich! Rainig e Niall ma’s d’ fhuair a dhol na chasbheairt agus ’nuair a dh’ aithnich iad gu robh ’n toir orra, oir bha nis coin is gillean a’ bhaile ’g an teann ruagadh. Dhall iad air an fhaognail an darna fear a di-chuimhneahadh a bhrògan agus am fear eile giulan tuilleadh ’s na thug e leis bho ’n dachaidh. Bha mar a thachair gun amharus tubaisdach, leibideach, tamailteach do dh’ Uilleam ach rinn e saorsa mhor a chosnadh da chorp riaslach nach leigadh an t-eagal tuilleadh thar na tràighad e. ’S e theireadh Niall nach cualas a leithid riamh bho na theich Samson le geata Ghasa. Na ’m biodh an uinnag na bu diongalta bhiodh an sgeula na b’ fhaide. Thug Uilleam bòid nach faiceadh caraide no nàmhaid esan gu bràth tuilleadh, a’ dol thar faoghail air sgath caileig agus chum e ’fhacal. Thug cràdh a mhuineal agus eagal nan con cuidachadh mòr dha gu bhi cho seasmhach. Air a’ gheamhradh sin cha do leig a mach a chrodh na bu mhò, gidheadh ’nuair a bha ’n ath bhliadhn’ ùr a’ dlùthachadh air daoinibh sgithich e do d’fhuireach aig an tigh a leughadh. “Bliadhna Thearlaich,” agus thoisich e air amharc mu’n cuairt an dòchas gu’m faigheadh e aon a thaitnedh ris, agus, mar nach bu mhiosa, aon ris an taitneadh e. Thachair so direach mar dh’iarradh e. Bha gabhail comhnuidh ’san ath bhaile duine bha glé mhaith roimh laimh ris an cainte Iain Bàn. Bha Iain riaraichte gu leòir deth na bha e sealbhachadh do shaoibhreas saoghalta; ach cha robh teaghlach aige agus minic a d fhàg so na bu lugha sannt air tigh’n dhachaidh tràth e air fheasgar na bhidh aige na’m biodh sùil ri bean is clann a bhi dol na choinneamh a chuir fàilte chridheil air. ’S minic mar an ceudna gur h-ann gu greannach h-aingalt a bhiodh a thigh’n gu tigh gu h-àraidh am feasgar a thaghladh e ’san tigh-òsda ’san dol seachad. ’S ann gu cuideachd a chumail rithe air a leithidibh so do dh’ oidhche cho maith ri bhi deanamh còmhnadh leatha re an latha thug air bean Iain Bhain Ceit Ruadh, nighean a bràthar a thoirt leatha do’n bhaile. ’Se tighinn Ceit do ’n bhaile dh’ [TD 11] [Vol. 6. No. 2. p. 3] fhosgail suas do d’ Uilleam cothrom eile air aon uair eile leannan fhaighinn agus sin ann an uidhe nach biodh aige ri traigh na tiomchiolladh a chuartachabh an a dhol ga faicinn. Bha fathast fad maith san oidch’ air son ceillidh agus fìor dhrip an aite gun toiseachadh air là Fheill-Brìd, ùr ’nuair thachair Ceit ri Uilleam agus a dh’innis i dha gu robh h-uile coltas gu robh i gu bhi steach na h-aonar air a chuid thrath do’n oidhche sin agus ma d’fhaodte gu’n rachadh esan car tamuill a chuir seachad na h-uine maille rithe. Cha bu ruith leis ach leum ann a bhi gabhail a chuiridh fhialaidh so. Cho luath ’s a chiar an trath chaidh e air aghaidh gu tigh Iain Bhàin. Mar bu mhiann leis bha eudail na h-aonar. Dh’ innis i dha nach robh suil aice ris an t-seana chàraid gu greis do’n oidhche oir bha iad ’sa’ bhaile thall ma’n comhair ann an tigh caraid air baisteadh. Smath a chreid Uilleam nuair a chual e ainmean na cuidachd a fhuair cuireadh nach biodh fior chabhag sgaoillidh air a’ comunn; “oir” ars esan, “ged nach biodh a làthair ach Dughall Fada nall thar a’ Chladich ’s cinntach leamsa nach iarrar ceann a thigh’nn air a chruinneachadh gu madunn.” Cha ’né gur h-e Dughall duine bu trioma bha san tigh oir bha neach araidh eile ’san sgirachd nach biodh baisteadh iomchidh na laghal gun e bhi ann, neach a bha sealbhachadh sgornan bu tartmhora na Dughall, ach aon gidheadh nach gabhadh neach sam bith air fein a radh gu robh e robh “dheighail air an drughaig,” do bhrigh agus gu robh iad uile creidsinn gur “furasd smal fhaicinn air còta dubh.” Mu dheighinn so cha’n eil fhios againn ach o’n tha’r gnothuch ri Uilleam faodidh sinn a leantuinn. ’Nuair a fhuair e ri taic a luaidh aig taobh an teine dhichuimhnichidh e gu’n robh leithid Iain Bàin ann an tìr na’m beò idir. Mar a’s minic a thachair do chàraid aig àm eile leig iad diubh bhi gabhail cùram mu thimchioll ni na neach ach iad fein. Cha suaicheantas còrr air cladach—cha ghalair aon duine e ach ’s iomadh iad a dhearmad an aire thoirt nach sguir cuibhle Tìm a chuir char dhi dh’audeòin gu dé cho tlachdmhor agus a bhios air càradh leinn. ’S e so a dh’fhàg an ceillich ud gun toirt fa-near cia mar a chuireadh e cobhl’ eadar e agus Iain Bàin ’nuair thigheadh e dhachaidh. Ma dheireadh thall chualas farum air an starsnaich eadar dà uair dhiag is uair; bha ’n t-seann chàraid air tighinn! Ma bha, cha robh comas aig an fhear a bha stigh dol a mach gun a ghlacadh. Theagamh nach biodh fhios co e, ach bhiodh fhìos gu robh e air choir-eigin ann, agus thigeadh sinn chum an aon rud. B’e so a sheachnadh, an aon chùram a bh’ orra nis. Sud agad an duine agus a chuid sholasaibh—’s dòcha gur h-ann ’nuair a’s ciataich a tha sìnn a seoladh air cuan seimh an t-solais agus an dòchais a nochdas uilebheist neo-thiorail fo’r toiseach a chuireas crioch sgiobalt air ar toilachadh air chor agus gur tric a dh’fhàgas i sinn a’ caoineadh a’ ghàire a bh’againn an uiridh. B’ fhior so air an oidhch’ ud: am a fear a bha gu cridheil ri sùgradh is manran an caoimhneas blath na caileige roimh so feuch a nis e gu h-ùpraiteach, sgianshuileach, tuainealach, a sireadh àit’ am falaich e fein air dha bhi do’n bheachd nach b’eagal bàs seach ruaig. Chomhairlich Ceit dha e fein a thilgeadh ann am broinn cléibh a bha thall an thaobh an tighe gus am faigheadh a comas air ialladh a mach. Cha b’àm gu bhi eagnuidh a bh’ann agus gun fuireach ri sealltuinn aon uair gu de bha roimhe leum e do’n ionad fhasgaidh so a chuir a sealbh air. Gu tubaistach bha’n cliabh go thaosg le itean, ach le dichioll ’s le dinneadh shiollaidh Uilleam sios gu ghrunnd agus bha e gu sochdrach. Thàinig Iain ’s a bhean a stigh—bhiodh e na b’fhaisg air an fhirinn a radh gun thàinig a bhean agus Iain a stìgh, oir bha ise ’g a threòrachadh agus ga chuidachadh san air dha fein a bhi rud-eigin mall ’s a’ choiseachd. Cha robh failigeadh san teang’ aice ’nuair fhuair i Iain a leigadh ’na ghlag air cathair. Feadh na slighe chum i sàmhach air sgàth na nàire ach a nis fhuair i faochadh agus leig i ruith le teangidh. Dh’ innis i gu neo athach gur h-e liath-nàraich, ’s a mhaslaich i; gu’m b’e truaighe do thè bhi ceangailte ri leithid agus iomadh ni eile nach ’eil e comasach do neach sam bith a radh ach do mhnaoi chrosda mhi-thollicthe ’nuair a bheir i strian dha teangidh. Dh’ éisd am fear gu sochrach rithe car tiota, ach an sin le sùil sith’cheannach ’s cothrom fhaotainn air dhol a ghabhail fois na h-oidhch,’ air an robh e gu mór na fheum, thoisich e air brosgul ris a bhean. ’Nuair a bha chuis coltach ri gu’m biodh réite air a dheanamh eatorra chuir Uilleam e fein air a leithid a shuidheachadh, ’s gu robh nis a ceann thairis air beul a chléibh. Mo thruaighe cha b’e cheann mhain, ach a cholluin mar an ceudna oir chuir an cliabh car dheth agus thilg e na bha na bhroinn air an urlar. Dh’ éigh ’chailleach nach do lasaich Iain riamh gus an d’thug e Esan gu corporra le chuid itean gu’n cagailt! D’fhalbh i seachad ann an neul, d’fhalbh Ceit a toirt boinn uisg’ a dh’fhuarichadh i; agus bha Iain cho fuar rithe fein ann am prioba na sùil. Le aon sinteag chaidh Uilleam thar bathais an ùrlair cho ’na starsnaich a crathadh dheth na’n itean mar fhianuis nach bu d’thig an dìlinn a chiteadh aghaidh a bhonn air an fhonn cheudna. Na’m biodh an cliabh na bu shochraicha, bhiodh an sgeula na b’fhaide! Bha ’m bàrr fo dhion aig toiseach an ath gheamhraidh an déigh do Uilleam na h-itean a chur, ’n uair a thachair na nithaibh a bhuineas do ’n chaibideal so. Cha do chleachd bodaich Hastin riamh a bhi air deireadh ann an criochnachadh na h-oibreach agus cha mho bha eagal na caillich’ orr air an fhoghar so. Do na h-uile duine moch-aireach ann am baile ainmeil airson moch-eiridh b’e Dòmh’ull Donn aig an robh urram a chinn-fheadhna. Bhiodh ceò á tigh Dhòmh’uill cho luath ’s a ghairmeadh an coilleach agus uaith’ a sin gu dubh cha robh fhios co bu trainge e fein na dhithis nighean—Mairi agus Iseabal. Air aon ni bha fios agus b’e so e: gur h-e chiad fhear a bhiodh ullamh do dh’ obair an fhoghair ged nach robh chuideachadh aig ach na cailleagan. ’S ann a cheart lath’ chriochnuich Domh’ull togail a bhuntata chaidh Uilleam suas troimh ’n duthaich an dùil geur amharc air a chladach air cùl Bhaile-Raonuill oir rinn Uilleam suas inntinn gu ’n cuireadh e gu siorruidh crioch air a shiubhal le bean a ghabhail dha fein agus sin romh ’n Nollaig. Chuireadh e leis a so feum air sall gu gu tallan a thogail eadar a mhnaoi òg ’s a mhàthair. (Na ’m b’ fhior na theireadh na h-eòlaich cha chuireadh a mhàthair droch fheum air tallan a bhi eadar a teang agus a h-uile duine). Shaoileadh cuid gum bu mhaith a mhisneach dha ’n tigh a chuir air doigh gus am faigheadh e lorg air bean an toiseach ach ’se theireadh e gum b’ fhurasda bean fhaotainn ach nach ann a h-uile latha bhiodh sall air cladach. ’Thuilleadh air a so uile nach b’e cleachdadh an aite ’n uair a bhiodh fear air son posadh ’s gun aon air sgeul aige, dhol gu tigh àraidh an déigh àm cadal, an teaghlach a dhùsgadh, làmh thoirt air an t-searraig agus a gnothuch a chur an céill. Nach e sin a rinn Niall Og agus ged nach fhac a bhean riamh roimh e, le fiosrachadh, thug a h-athair dha i agus tochar maith leatha ’n uair a chual e ’ri suidheachadh math a bheir Niall. Cia mar leis a sin nach faodadh sùil a bhi aig Uilleam ri te, air dha bhi gu math na b’ fhearr aig an tigh na Niall! Mo thruaighe! sud an dòigh air an do chumadh suas margadh nan traill na ’r duthaich linntibh an deigh do ’n lagh shiobhalt crioch dhlighach a chuir air: d’ fheumadh an nighean am fear bu lionmhoire daimh a thigeadh ga h-iarraidh a ghabhail; cha d’ thugadh bodach dreangach tochar ach ’n uair a shaoileadh e gu ’n cuireadh e riadh cùig fillte dheth. Ach leanamaid Uilleam. Suas an rathad bha e luibhrigadh seachad rùn a chridhe do Thormod a bha na dheadh fhear eisdeachd ged nach robh e ainmeil mar fhear labhairt. Thàinig tarruing aca air an mhnaoi òg mar gach ni. ’N uair chuala Tormod mar a bha chùis thug e comhairl’ air a charaid fuirich re na h-oidhch’ ud an Hastin agus gun tugadh esan e choimhead air nigheanan Dhòmh’uill Dhuinn, ann an dòchas gu ’n còrdadh tè aca ris. “Bha mis’,” arsa Tormod, “an uiridh air mhuinntireas ann an Hastin, agus tha fhios agam le sealladh mo shùil nach b’ urrainn boirionnach a bhi na b’ fheunala na Mairi. Bha mi fein a suas ri Iseabal agus ni so lethsgeul gu leòr dhuinn.” Chòrd a chomhairle so air leth ri Uilleam, agus dh’ aontaich e fuireach an oidhche sin ann. Bha maoir-cladich gu suilbhir, aoidheil riu, nochd e caoimhneas (Air a leantuinn air taobh 14.) [TD 12] [Vol. 6. No. 2. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 9 IULAIDH, 1897. MO CHARAID FEAR MHAC-TALLA,—Leugh mi anns am paipeir ’n trieamh latha an gibhlinn, cairdean dhiubh ’g iarraidh iomradh sam bith air Tormoid Mac Fhionghain a dh’ fhag Loch Ainslie bho chinn tri fichead bliadhna a dol do Astralia; bha so mu ’n aon àm a dh’ fhag a charaid Domhnull Mac Leoid, Ceap Breatunn. Chaochail esan bho chinn coig no sia bhliadhnaichean. Dh’fheoraich mi bho Mr. Iain Mac Leoid a bhrathair mac as sinne tha beò de thealach an Urr. Tormoid Mac Leoid. Chual Iain Domhnull a bhrathair tric a bruidhinn air; thachair iad ri cheile am baile Adelaide. Bha e na dhuine choisinn ainm mor dha fein le treubhantas mor. Chaidh e astar fada air a chois gu meadhon na duthcha measg dhaoine fiadhaich troimh iomadh cunnart. Le coiseachd astar fada bha moran eolas aige air dùthchannan ura. Bha meas cho mor air ’s gun deach ullachadh dheanamh air son cuirm thoirt da. Bha moran do luchd eoluis a tachairt ris, agus bha iad so toirt cuireadh dha dol a steach do ’n tigh-osda; gu tubaisteach chaidh e steach ro thric. Chruinnich luchd na cuirm ach bha iad dh’ easuibh air MacFhionghain. Bha a charaid Domhnull Mac Leoid anns an àm so air fasdadh aig paipear naigheachd na aithrisear, bha e aig a chuirm air son an dol a mach ’s na briathran aca uile aithris anns a phaipeir; rinn e sin gu snasail. Bha e ionnsuichte agus neo-chumanta gleusd air sgriobhadh; le bhi cho eolach air Mac Fhionghain agus air an turus aige sgriobh e (mu ’s fior) na briathran a labhair e aig a chuirm; thainig so comhla ris a chuid eile mach anns a phaipear ri da latha. ’Sann ’bha ’n t-iongantas mor air Mac Fhionghain nuair a leugh e na facail chaidh chuir na bheul, nach do labhair e riamh. Mur so dh’ innis Mac Leoid ma dheidhinn. Sgriobh mi gu luchd eolaich aig am faodadh bhi air, ach bha ’n uine goirid aca sin fios fhaotainn. Na ’m b’ urrainn dhuibh ainm ’n aite ’san do bhasaich e, bithidh e na ’s furasda fhaotainn a mach. Feumaidh sibh a thuigsinn gu’n d’thainig moran do shluagh Gaelach do Otaga anns a bhliadhna 1860, a leantuinn luchd cladhach an oir á Astralia, ’s docha gu faod e bhi na ’m measg. Mur cluinn mi facal tuilleadh mu dheidhiun an so, sgriobhaihh mi gu luchd-eolais again an Duneideann, baile mor Otago. Tha mi deanamh sin le toil, agus durachd mhath dhuibh fein. Bho ar caraid, IAIN ROTHACH Rudha Mharsdain, 9, 6, 1897. Gaidheil Ghlascho. (Highland News, Iun 19.) Bha mach air ciad de luchd a’ chomuinn seo aig Cuirm-chnuic ann am Baile-’chléirich Iar air Glaschu, air Di-sathurine seo ’chaidh. Dh-fhàg iad Ceànn-uidhe Sràid-na-Drochaid ann an carbad-smùide an cuig mionaidean gu dhà ’m fheasgar, a’ ruigsinn àite na Cuirm mu thri chairtealan na h-uaire as déigh sin. Fhuair iad ainmsir ghrìnn, agus chuir iad seachad i gu subhach, sona ri cluich ’us mire a measg nan craobh, agus aig bòrd fleagha, sgaoilte air an raon, gun ghuth a’ briseadh air an cluais ach ceòl na Pioba móire agus an còmhradh aca fhéin anns a’ chànain dùthchasach. Bhà triuir Dhealbhairean ’n am measg le ’n gloinean-deilbh. Ghabh iad dealbh no dhà de ’n chuideachd iomlan, buidhean beag no dhà, agus na Sgiathanaich uile cuideachd leo fhéin. Cha-’n-ann gu sanntach b’ fheudar dhoibh an raon fhàgail mu leth uair an déigh ochd agus tilleadh dhachadh gu baile mòr na gleadharaich agus a’ cheò, an déigh feasgar cho cridheil agus taitneach ’s a b’ urrainn iarraidh, ach ro ghoirid, chur seachad ’an cuideachais a chéile. Tha Céilidh nan Gàidheal a’ càll, car ùine fada co dhiù, Raonall Dòmhullach, an Iar Cheann-suidhe, ball cho ìnntinneil, cho sgiobalta, cho sgoilteanta, agus cho dùrachdach agus a th’ anns a’ Chomunn. Thà e ’falbh air 26mh a’ mhiosa seo gu Bràighean abhainn Siré, ann an Africa Meadhonach. Theid ’ionndrainn gu mòr anns na Comunnan Gàidhealach ’an Glaschu, far am bheil e ann am mòr spéis do bhrìgh a dhùthchais, a chomasan agus a dheadh-bheus. Leanaidh deadh dhùrachd Céilidh nan Gaidheal e an Sambéusi agus air Bràighean an Siré. Cha ’n ’eil teagamh nach cum a’ mhothachadh a th’ aige air staid a Dhùthcha féin air ais a làmh bho a bhi cruaidh air na gnèithean truagha a th’ anns an tire gus am bheil e ’dol. Mar creideamaid ach na nithe sin a mhàin a ta sinn a’ tuigsinn, bhiodh ar n-eòlas a thaobh gach cùise araon beag agus cuibhrichte; agus cha bhiodh e ’nar comas gnothuichean an t-saoghail a ghiulan air an aghaidh. Is fearr gu mòr bàs an ionracain na beath an eucoraich. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 13] [Vol. 6. No. 2. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha dithis dhaoin’ òga ann an Cowansville, Ont., a cleasachd ri chéile, agus le tuiteamais chuir fear dhiubh car an amhuich an fhir eile ’ga bristeadh, agus ag aobharrachadh a bhàis. Tha iadsan a tha ’g obair air an rathad-iaruinn (I. C. R.) an deigh litir fhaotainn o’n fhear a tha os an cionn ag radh gu feum iad am fiachan a phàigheadh gu h-onarach ar-neo gu ’m bi iad air an cur as an obair. Bha teachdaire aig Sultan Mhorocco ann an Lunnainn aig Iubili na ban-righinn. B’ ainm dha Simo Hamed Ben Mousa, ach cha deach an greadhnachas a chunnaic e gle mhath dha, oir chaidh e air ais d’ a dhùthaich fhéin as a rian. Bha stoirm shneachda aca ann an stàit Virginia air an darra latha mu dheireadh dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha an t-side fuar gu leor againn an Ceap Breatunn, ach sheachainn an sneachda sinn. Ann an Chicago, air a’ cheart latha bha an teas cho mor ’s gu ’n do dh’ aobharaich e bàs shianar. Tha uiread de smugladh a dol air adhart mu Amhuinn St. Lawrence ’s gu bheil an Riaghladh ag iarraidh coig mile dolair air son cur as da. Tha ’n t-airgead sin ri bhi air a chosg gu falachaidh, oir cha ghabh an gnothuch deanamh air luchd an smuglaidh gu follaiseach. Tha an Riaghladh a’ call moran airgeid air an droch obair gach bliadhna, agus tha sluagh àireamh shiorrachdan an Chuibeic air an tur mhilleadh le misgeireachd. Tha muinntir nan Stàitean ag radh gur ann acasan a tha dùthaich na saorsa, ach ma chreidear gach sgeul a tha ’dol mu ’n cuairt, tha seòrsa saorsainn aca nach bu mhiann leinn fhaicinn anns an dùthaich so. Ann an tigh-cùrtach an Arkansas, air an t-seachdain s’a chaidh, thainig ni-eigin eadar dithis fhear-lagha, agus thilg fear dhiubh am fear eile air a’ bhad. Air a cheart latha, ann an stàit Missouri mharbh bàillidh baile am fear a bha ’san dreuchd roimhe, mar sin a cur crioch air mi-chòrdadh eigin a bha eatorra. Tha sgeul eil’ air innse mu mhnaoi a thug litir dhealaichidh d’a fear; bha an duine bochd mar sin air fhàgail gun dòigh air tigh’nn beò, agus chaidh e do thigh nam bochd. An deigh dha bhi anns an ionad sin còrr us da bhliadhna chaidh a bhean a choimhead air an la roimhe, agus air dhi truas a ghabhail dheth, thug i á tigh nam bochd e agus phòs i a rithist e. Tha an Sultan an deigh striochdadh do thoil nan rioghachdan mora, agus bi’dh e riaraichte leis na cumhachdan-sithe a thairgeas iad-san dha. Bha na cumhachan a bha e-fhéin ag iarraidh tur mi-reusanta, ach lean e riutha gus ’n do thionndaidh eadhon Ruisia na aghaidh, rioghachd a bha gabhail a phàirt cho math ’sa b’ urrainn di. ’N am biodh an Sultan air a dhòigh fhéin fhaotainn cha bhiodh anns a’ Ghreig ach dùthaich gle bheas agus shuarach m’ am biodh esan ullamh dhi. Bha dinnear mhor air a toirt le Mr. Chamberlain ann an Lunnainn Di-ciaduin s’a chaidh. A bharrachd air moran de dh’ uaislean Bhreatuinn fhéin, bha a dha dheug de phriomhairean ’nan suidhe aig a bhòrd—Morair Salisbury air an ceann, agus priomhairean nan colonies uile timchioll air. ’Se so a cheud uair a thachair a leithid riamh, agus tha e nochdadh gu soilleir cho dlùth ’sa tha Breatunn agus a cuid cholonies a teannadh ri chéile. Ciod e saibhreas? Is saibhreas gach ni a ta daoine ’solaireadh ’san t-saoghal so air son am beo-shlaint agus an toilinntinn fein. Is e saothair a bheir saibhreas gu buil. Tha gliocas a’ cumail saibhreis ’na chriochaibh fein, trid am bheil e cinnteach, agus a’ dol ann am meud. Tha na daoine saibhir air an deanamh suas diubh-san a fhuair cuid o mhuinntir eile—diubh-san air an do thuit e gun fhios gun aire dhoibh—agus, mar an ceudna, diubh-san a choisinn e le fallus an gruaidhe fein. Air an doigh cheudna tha na daoine bochda air an deanamh suas diubh-san a shealbhaich bochdainn o mhuinntir eile—diubhsan air an d’ thainig i gu ’n fhios gu ’n aire dhoibh—agus dhiubh san a thug le h-amaideachd orra fein i. Ginidh leisg agus diomhanas bochdainn. An uair nach saothairich duine, agus an uair nach coisinn e na h-uiread le dhichill fein gach la, cha ’n urrainn nach bi e bochd. Cha ’n eil leigheas ann air son na bochdainn a ta ’s ruthadh o’n leisg, ach dichioll agus saothair. Bha an t-Urr Calum Caimbeul, minister Strath-Alba, air chuairt ann an Ceap Breatunn air an t-seachdain s’a chaidh agus air an t-seachdain so. Bhe e ann am Baddeck, agus air a Chladach a Tuath, ach cha do cheadaich ùine dha tighinn cho fada ’n ear ri Sidni. Dh’ fhalbh e á Baddeck Di-ciaduin gu Port Hawkesbury, agus á sin sheòl e Dior-daoin. Tha Mr. Caimbeul a’ toirt cuairt mar so do eilean a dhùthchais a h-uile samhradh a choimhead a chàirdean. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil e slàn, fallain, agus gu ma fada mar sin e. Ann an àit eile dhe ’n phaipear gheibhear guth o “Chona.” Thòisich e air a’ cheann labhairt “Eliah” air an t-samhradh ’sa chaidh, agus chaidh uiread ’sa sgriobh e aig an àm a chlo-bhualadh ’sa MHAC-TALLA, ach leis na bha dh’ obair aig an sgriobhaiche chòir, b’ fheudar dàil a chur anns a’ chuid eile gus a so; bi’dh e air an turus so air a leantuinn o àireamh gu àireamh gus an cuirear crioch air. Tha “Cona” ’na fhear-sgriobhaidh o ’m bu mhath leinn cluinntinn na bu trice, agus tha sinn an dòchas an deigh dha crioch a chur air Eliah, nach leig e uaithe ’m peann idir, ach gu ’m bi a shaothair a tarruinn aire luchd-leughaidh MHIC-TALLA gu bitheanta. Tha Sir Micheil Hicks-Beach dhe ’n bharail gu ’m bu chòir do Chanada ’s do na dùthchannan eile tha fo chrùn Bhreatuinn, cuideachadh a thoirt dhi ann an cumail suas an airm-mhara. Tha ’n t-arm-mara a dion Chanada agus Astralia cho math ’sa tha e dion Bhreatunn, ach cha ’n eil sin a cosg sgillinn do Chanada no dh’ Astralia eadar da cheann na bliadhna. Cha ’n eil Sir Micheil leis fhéin ’na bharail, agus ’se ’s dòcha nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bi Canada, Astralia, New Zealand agus na mor-roinnean Breatunnach eile air fad a’ pàigheadh suim reusanta gach bliadhna do ’n t-seann duthaich air son a bhi ’g an dion ’s gan gleidheadh o gach namhaid a dh’ fhaodas tigh’nn orra. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .30 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stor mor aige dhe na h uile seorsa bathair. Bathar Tioram Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n. MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd ghabhail thoirt dha. CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA $1.00 SA BHLIADHNA. [TD 14] [Vol. 6. No. 2. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 11.) dhaibh aig an tigh agus threoraich e timchioll a’ chladaich iad a comharrachadh a mach an fhiodh’ a réir a bheachdsan bu fhreagarrich air son an t-seors’ oibreach a bha na h-aoidhean ag radh ’san robh iad a dol ga chur an sàs. Bha trom ghearan aig an t-seann duine chòir so nach robh faisg uidhir do mhuireagan a tighinn air cladach ’s bha ri cheud chuimhnesan. Bhiodh a ’n uair sin ceithir ’s a cùig do longaibh eirachdaila gabhail na tràghad a h-uile bliadhna, ach a nis le tigh-soluis air gach gob rudha, cha robh bhi beo aig daoine bochda aig nach robh sùil ri ni mar a d’ thigeadh cnap maide air tir agus mar bu trice, ’n cnap sin fein na chriathar-tholl le reudan agus cuibhrighte le giurain. Mar d’ thoireadh neach a nis a theachd-an-tir as an talamh cha ro ’n còrr dha air; ach ged a bha esan e fein na mhaor cha robh e faicinn nach robh làn onoir ann a bhi gabhail seilbh air gach ni thugeadh air a chladach, agus mar chomhar air a so cha d’thug e riamh suas ach an rud a bha ro’ throm na gun fheum. Le leithidaibh so do chomhradh chaidh am feasgar seachad gu luath, gus ma dheireadh an robh ’n t-àm aig na seòid an aghaidh a chur air an cheann-uidhe. Cha robh iad fad a riughainn. ’N uair rainig iad an dorus fhuair iad e air a sparradh gu barrant’ fa chomhair na h-oidhche. Gu de dheanadh iad? An dorus a bhualadh cha bhiodh e freagarrach gun fhios cho thigadh ga fhosgladh, agus pilleadh air falbh bha e ro thàmuilteach buileach. Gidheach cha d’ thugadh iad dùil-thairis gus an cuartacheadh iad an tigh gu h-iomlan. Nis bha Dòmh’ull an déigh a bhi cuir dhachidh a bhuntata aig an àm so agus ga thorradh suas anns an t-sean doigh sgiobailt ach neoeireachdail a bha ’n cleachdadh ’san linn sin. B’e sin so: bha balla mònadh air a thogail taobh shios an doruis gus nach leigadh e cead ruith leis a bhuntata feadh an tighe. Bha toll air a thoirt air oisinn an tubhaidh agus fàradh a treorachadh suas thige; ’n uair a dhireadh neach suas mar so bha e air comas dha gu socair an cliabh a dhòrtadh a stigh troimh ’n toll agus rùitheadh am buntat’ air chùl na mònadh. Fhuair na fearaibh am fàradh so gun mhòr stri, agus cha bu luaith a fhuair na rinn iad suas an inntinn air son an ath cheum a ghabhadh iad. Gun fiu fuirach ri fhaicinn cia mar a thigadh iad a mach gu siorruidh a steach air an toll a lom iad, ’N uair nochd iad ris a’ chagailt chunnaic iad sealladh a thog an cridhe. Bha ’n teaghlach aig an suipear agus mar so comas air leth aig Uilleam air sealladh maith fhaighinn do Mhàiri mar a bha i na suidhe ris an t-solus. B’ e sin an solus! Bha e cho trath air a’ bhliadhna ’s nach robh ùilleadh air son a chruisgenn air tighinn air daoinaibh fathast agus mar sin bha iad riaraichte leis na b’ urrain an caorran a thoirt seachad do shoills’. Air chor agus nach rachadh ni dheth sin an taiseart bha fàd monadh fo iomall thall a chlàir a bha na laidh air an ùrlar agus an teaghlach mu chuairt dheth. Shlaod na gillean iad fein gu aghaidh an tòrr bhuntata an dòchas gu faighadh iad socair agus sealladh na b’ fhearr. Ma shlaod; a bhochdainn bhochd! d’ fhalbh an tòrr leò ’s cha do lasaich iad riamh gus an d’ fhuair iad iad fein an taice ris an teaghlach agus sin na bu tràithe na bu mhiann leo. Thuig fear-an-tighe ’chuis ma ’s do labhair iad agus ged bha dorran air air son mar a sgaoil iad am buntata, thug e cuireadh cridheil dhaibh bho ’n thainig iad cho dlùth air gum b’ fheàrr dhaibh compartachadh do ’n t-suipear. Air eagal a bhi air an ais ’san spòrs thubhairt Tormod gu robh e gle fhad’ an comain an an duine choir a thug a leithid do fhiachadh fialaidh dhoibh ach. gur e ghluais iadsan o n tigh ni bu mho na aoidhachd oidhche; gur h-ann a bha Uilleam deònach reiteach ri Mairi. Chòrd so ri Màiri. Cha do mhi-thaitinn e ri fear-an-tighe agus cha robh comas cur na aghaidh aig a’ choigreach, ’s mar so chaidh an t-suipear agus an cordadh air aghart còmhla, agus geàrr na dhéigh sin bha bhanais. Ach nam biodh am balla mònadh na bu sheasmhaiche biodh an sgeula na b’ fhaide. Litir o’n Chuairtear. Faoighnich de ghille ’nuair a tha e fhathast beag gu leòr gu bhi pògadh a mhàthar, co ’n neach a’s briagha th’ air an t-saoghal, agus ’si ‘’mamaidh’ a their e a h-uile h-uair, ged a dh’ fhaodadh i bhi duaichnidh gu leòr. Ach thig atharrachadh mor air gillean anns an dòigh sin, agus chi sinn iad mar is trice a’ faotainn mhàthraichean eile dhaibh féin, fo dhion lagh na dùthcha. Ach ged a shiubhlainn-sa uile dhuthchannan an t-saoghail, cha ’n eil mi ’creidsinn gu ’n atharraichinn mo bheachd gur e Ceap Breatunn an dùthaich a’s àillidhe tha fo ’n ghréin, agus gur-a Loch Ainslie am bad a’s àillidh tha ’n Ceap Breatunn. ’Nuair a bhios tu air tir ’sa chi thu an t-uisge gu còmhnard, dearrsach, a’ ruith timchioll nan rudhachan agus suas na còbhaichean, gabhaidh tu tlachd ann a bhi ’g amharc air; agus ’nuair a bhios tu air an uisge, bheir na beanntan agus na glinn a tha ceithir-thimchioll ort ’nad chuimhne na th’ air a radh mu shuidheachadh Ierusaleim. Agus tha ’n sluagh a thatar ag àrach mu ’n loch a h-uile buille cho math ris an àite. Chunnaic bàird, sgoilearan, agus daoine treuna, gaisgeil, tùs an làithean an so. Tha sagairt, ministearan, agus fir-lagha ’gan togail ann cho pailt ris a’ bhuntàta, agus tha na bàird nan planntan dùthchasach a tha fàs leotha fhéin. Mur bi do ghiulan anns an àite direach mar bu choir dha bhi, bi’dh aon leth-dusan aoir agus oran ’g ad leantuinn. Mo chreach! ’s mise bha thall ’sa chunnaic! Aig na cluichean Gaidhealach bi’dh gillean Loch Ainslie daonnan a’ cosnadh nan duaisean. Is ann an so a rugadh an gleachdair ainmeil, an Dotair Uisdean N. Domhnullach, a thomhais an an t-ùrlar le druim a’ ghleachdair Eirionnach a chaidh troimh America gun a sheise ’choinneachadh ris gus ’n do dh’ fheuch esan e ann a Halifax. Tha an Dotair ’na Ghàidheal gu ’chùl. Tha e nise air suidheachadh ann a Hogamah, ’ainm air gloinne os ceann dorus na h-oifis aige, agus an giogan ’s am fraoch, suaicheantais na h-Alba, mu ’n cuairt de ’n uinneig aige. Air an t-seachdain s’a chaidh, chuir àireamh de dh’ òigridh an taobh an iar cuairt air an loch anns a’ “Mhinnchaha.” Thachair dhomh fhin tigh’nn an rathad ’nuair a bha iad ullamh gu falbh, agus chaidh mi còmhla riutha. Faodaidh daoine bhi bruidhinn air greadhnachas latha na h-Iubili, air an liuthad band a bhios aca, agus air gach turus a bheir iad aig amannan eile air tir no troimh ’n athar, ach cha tig aon dhiubh suas ris an turus ud. Bi’dh daoine’ deanamh bòsd a bhi direadh do na speuran ann am baloon, agus ma ’s fhior dhaibh féin cuiridh iad am meòirean air na rionnagan, ach na ’n innseadh iad an fhirinn dh’ fhaoidte gu robh leithid a dh’ eagal orra ’s gu ’n saoileadh gach aon diubh gu robh a’ chridhe na ’bheul. Ach cha b’e sin sin dhuinn e air a’ “Mhinnchaha;” cha robh eagal a cur cùram sam bith oirnn. Cha mho a bha dith ciùil oirnn, agus ceathrar ghillean gasda a toirt, fear m’a seach, cuairt air a phiob dhuinn. Cha ’n eil Gàidheal sam bith aig am bheil eòlas air eachdraidh a dhaoine nach cuir a’ phiob-mhor ceòl na chridhe, agus ’nuair a thòisich na piobairean òga so air cluich shaolamaid gu ’n robh sinn a cluinntinn toirm nan iomadh cath anns an do choisinn ar sinnsir an cliù nach caill iad fhad ’sa mhaireas an saoghal. Co luath ’sa sguireadh a’ phiob, bheireamaid uile “treis air cainnt nam bàrd anns a Ghàilig bu ghlan gearradh;” agus cha b’e sin toil-inntinn bu lugha. Ghabh sinn ar ti aig Amhuinn nam Breac, agus an sin chaidh sinn dhachaidh. Faodaidh mi radh le firinn nach robh mi riamh ann an comunn bu chridheile no bu stuama na bha cuideachd an lath’ ud, agus b’e mo mhiann a bhi ’nam measg an ùine gun bhi fada rithist. Do charaid, AN CUAIRTEAR. Giumach, rionnach, agus ròn—tri seòid a’ chuain. Gùbhannach, gabhunnach, pileagach, peileagach, bratach, breugach. Gnothach a ghille leisg ’san fhogharadh—theid e fada leis is bith’ e fada ris. Gu ma làn a bhios an lamh thoirteil Seol maol-an-uachdair an t-slighe do n àiridh. Is ann an deigh laimh ’bhios an Gaidheal glic. Cha ’n eil coimheachas ’sa bhiadh mur ’eil e ’s na daonaibh. Cha ’n fhaeas a leithid bho ’n a rug an reithe ’n t-uan ann an Scalpaidh. [TD 15] [Vol. 6. No. 2. p. 7] ELIAH. Tha cheist a chuir Eliah ris an t-sluagh a bha cruinn air sliabh Chairmeil, freagarrach do dhaoine anns gach linn. Is treise gu tric le luchd-leanmhuinn Bhaail no le sluagh ceanalta, beusach an Tighearna. Ma dh’ fhaoidte, gu bheil duil ’us fiughair aig gach neach a smuainticheas idir gu dichiollach mu ’n chuis, gu meal e fadheoidh sonas ’us slainte. Ged dh’ fhaodas dochas laidir a bhi aig daoine gu ruig iad an caladh àit ann an seasgaireachd agus ann an samhchair, gidheadh thig e daibh a cheist chudthronach so ’rannsachadh gu mionaideach: co-dhiu a tha iad fathast eadar dha bharail anns an iomchomhairle, mu thimchioll an doigh air an coisinn iad an sonas ris am bheil an duil ’s am miann. Ann an gnothuichean cumanta na beatha ’tha sinn a’ caitheamh anns an t-saoghal so, tha gach neach fiosrach cia co eu-comasach ’s a tha e do dhuine air bith ruigheachd air inbhe lurach no fhortanach ma bhitheas e iomchomhairleach, a’ dol bho ni gui ni eile gun tamh. Cha ’n fhuiling nithean an t-saoghail so saothair luasganach aontaobhach de ’n t-seorsa so. Is e ’n naigheachd ’s an sgeula simplidh a dh’ innseas iadsan a thionail maoin ’us ainm ’s a choisinn cliu ’us ughdarras anns an t-saoghal, gur ann le deadh-dhurachd, le oidheirp threibhdhireach, ’us le barail sheasmhach threun a dh’ imich iad bho cheum gu ceum anns an t-slighe ’threoraich iad gus an ionad onorach sin anns am bheil iad a nis a seasamh. Is maith a ’s aithne do na daoine saoithreach, dichiollach so, cia mar bhitheadh an cor ’s an caramh nam bitheadh iad iomchomhairleach, a’ buileachadh cuibhrinn de ’n uine ’s de ’n treoir air aon ni is cuibhrinn eile de ’n aimsir phriseil air ni eile. Tha e soilleir nach lean gean ’us subhachas ’us soirbheachadh dichioll aontaobhach ann an nithean saoghalta. Agus am bheil neach air bith ann aig am bheil fios ’us cinnt air a so, ’creidsinn gur ann air atharrachadh doigh a tha ’chuis ann an nithean spioradail, anns an t-slighe nèamhuidh a tha fosgailte do gach neach leis an aill imeachd oirre. Tha na comharraidhean araon laidir us lionmhor, gu bheil daoine ag creidsinn an dochais gu faod iad seirbhis a dheanadh do thagraidhean mi-bheusach an cridheachan fein, gu faod iad an saoghal a ghradhachadh gu mor, agus an Tighearna a’s Dia ann a leantuinn. Ach is fhurasda thuigsinn nach ’eil e comasach gu bi cordadh dluth no daimh bhlath eadar saoghail truaillidh peacach—eadar iarrtuisean ’us abhaistean aig nach eil aithne air naomhachd, agus aig nach eil speis do cheartas no do ionracas, agus do aoradh an Dia ghlormhor a tha nis gloine radharc no gu seall e air olc. Air an aobhar so, ma ’s miannach le neach air bith an saoghal a ghradhachadh agus anamiann na feola agus anamiann nan sùl agus uabhar na beatha shasuchadh gu lan, cha ’n urrainn e Dia ’ghlorachadh agus a ghradhachadh aig a cheart àm. Cha ’n eil eadar-dhealachadh a’s motha eadar solus boillsgeach na greine ann an aird a’ mheadhain la ’us an dorchadas tiugh a tha rioghachadh air gach fonn ’us raon ’us beann ann an uairean marbh na h-oidhche, no tha eadar seirbhis Bhaail, no gradh an t-saoghail agus gloir ’us aoradh an Dia a’s Tighearna ann. Aidichidh daoine gu luath gur e Dia a’s ceannard ann, ’us gur e maith a’s modha ’s a’s dleasanaiche. Tha mar fhiachaibh oirnn a reachdan ceart us coimhlionta ghleidheadh. Carson, mata, nach bitheadh esan dhuinn ’na ionmhas ’us ’na chuibhrionn? Carson nach bitheadh gradh ’us tagraidhean ar n-anama ’sireadh ’g a ionnsuidh-san a mhain agus le dealas fonnmhor dìleas? Nan criochnaicheadh am bàs a tha feitheamh oirnn uile ar beatha gu h-iomlan, nam pilleadh ar n-anam agus ar cuirp gu neoni; nam bitheadh iad gu tùr air an caitheamh as, an uair a ruigeas sinn ceann ar turuis talmhaidh, an sin cha bhitheadh e cearr no amaideach no mi-dhleasannach dhuinn gach agh ’us sogh ’us beannachd a tha anns an t-saoghal a sholair agus a mhealltuinn. Cosmhuil ri ainmhidhean balbh na macharach no nach buin ard-thuigse no smuaintean air bith mu dheidhinn an t-saoghail a tha ri teachd, bhitheadh e ceart dhuinn a chuid a’s fhearr a b’ urrainn duinn a dheanamh de gach solas us sonas us aighear saoghalta. Thugamaid fainear, gur ann air caochladh doigh us snuaidh a tha ’chuis do bhrigh gu bheil siorruidheachd bhuan a’ sgaoileadh a mach air thoiseach oirnn, ’us gur e ’n Dia a chruthaich sinn ’s a tha ’na Thighearna anns an talamh is Dia mar an ceudna anns an t-siorruidheachd a dh’ ionnsuidh am bheil sinn uile trial le ceum sgipidh defireach, oir cha ’n fhaod sinn maille dheanamh. CONA. Fear ’s a bhaile, is aire as, is fhearr as na ann e. Cha d’ fhag thu lub an dunain riamh. AN DA LEIGHEAS AGUS K D C K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. —agus— 127 State St, Boston, Mass., CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA $1.00 SA BHLIADHNA. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear [?]agraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid and chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Gach seorsa bathar —AIG— McDonald Hanrahan & Co., SIDNI, C. B. BATHAR MATH. PRISEAN ISEAL. [TD 16] [Vol. 6. No. 2. p. 8] Oran air a’ Bhan-Righ Bhictoria. LE MAIRI NIC EALLAIR. FONN:—Coire Cheathaich. Cha ’n eil bàrd riamh a rinn dàn duinn, Cruit no clàrsach a sheinn dhuinn ceòl, Air bean ghràidh nach do luaidh le mànran Is e ’g a h-àrd-mholadh mar a b’ eòl. Mo chruit-sa gleusam a nis do theudan A chum gu h-éibhneach thu dheanamh sgeòil Mu mhnaoi àillidh a tha gu stàtail, Air cathair àrduicht’ os ceann gach feòil. A shliochd nan leòmhann ’bha greadhnach lùchairteach ’S beag an t-ioghnadh ged tha thu còrr, ’S fuil nan Stiùbhartach rìoghail cùirteachail ’G éiridh lùthchleasach ann a’ d’ phòr; Na feara calm’ d’ am bu dùthchas Alba A dheanamh feara-ghnìomh ’s a sgapadh òir. Bha ’n dream ud ionmhuinn le luchd nan garbh chrìoch ’S bhiodh iad ’g an leanmhuinn le h-earbsa mhòir. O ’s i do mháthair ’thug dhuinn an oighreachd A thog thu ’d’ mhaighdinn gun mheang, gun bheud, Gu soilleir boisgeil, mar rogha daoimein A dheanamh soillse am measg nan ceud. Am maitheas saoibhir, làn bàigh, is caoimhneis, ’S do rioghachd aoibhneach a luach a seud, Gun uaill gun mhòrchuis, làn tùir is eòlais, A rinn do chòmhradh mar cheòl nan teud. ’S mar thig an driùchd a nuas le ùrachadh Air na flùrain ’bhios seargta fann, Thug buaidh do chùirt-sa gu fiorghlan fiughanta Fàs air subhailcibh a bha gann. ’S e sud, a bhan-rìgh, a chuir ar n-ùigh ort Is cha b’e ’n crùn a bhi air do cheann. Is se ’chuir cliù ort air feadh gach duthaich, Mar oiteig chùbhraidh do thùis nam beann. O ’s mòr an gràdh ’thug thu dh’ obair nàduir! ’S tha ’n aigneadh àrd ud ag iarraidh lòin, Feadh gach àrd charraig, gleannan fàsachail, Glac is càrn mullaich, màm is sròn, B’e ’n seòmar uasal leat lagan uaigneach, Le d’ ghillibh uallach aig do thrà-nòin, ’S bu flùran suaicheant’ leat raineach uaine ’S an roid ’s an luachair ’bhios anns na lòin. ’S a’ mhaduinn shamhraidh cha b’ ann ’n a seòmar A gheibhte a’ bhan-tighearna ’tha mi ’seinn, Is grian a’ dòrtadh gu boisgeil bòidheach A gathan òrbhui’ air ceò a’ ghlinn, Ach ’gabhail sòlais ’s an ùrachd ghlòrmhor ’S ag éisdeachd ceòlruidh nan eòinean binn’ Le ribheid shiùbhlaich a’ cur na smùid dhiubh Mu thimchioll lùchairt nam baideal grinn’. O ’s ioma bliadhna o’n bha thu caomh leinn, A chionn mar thaobh thu ri tìr nam beann, A chionn do mhiann bhi air frìth is fraoch, Is do dhachaidh aobhach bhi ’n cois nan glean, Ceòl na pìob’ bhi a’ d’ thalla rìoghail, ’S ar breacain rìomhach bhi air do chloinn, Ach thug thu ’n dràsda gu tur fo chìs sinn, Is ghoid air crì’chan le sgrìob de d’ pheann. Is tha mac-talla ri iolach éibhneis Air feadh nan sléibhtean ’s nam beanntan cian’ Is clann nan Gàidheal mar dhaoine ìotmhor, A gheibheadh fìor-uisge mar am miann. ’S do mholadh binn orra féin ’s an tìr, A bhi air a sgrìobhadh an cainnt nam Fiann, Is bidh a’ Ghàilig a nis am prìs, Ged a theirte uimp’ gu ’n do laidh a grian. Co a dh’ innseas duit meud an éibhneis, A dhùisg an sgeul ud am measg an t-sluaigh? ’S cò a leughas duit meud ar spéis duit, A mhàldag cheutach nan ioma buadh? Is ma thig námhaid ort nall thar sàile Bheir mic nan Gàidheal dha blàr ’bhios cruaidh, Ged ’s gann an àireamh, is caoraich bhàna, ’S gach gleannan àrd anns am b’ àbhaist tuath. Bu tu bhana-charaid, bu tu mhàthair, Bu tu banrigh’nn nam flaithean treun’ Gheibh aireich tròcair, is truaghain deòir uait, Is iochd gheibh fògraich nan dùthchan céin’, Bu tu bhean chàirdeil do ’n fhiùran àluinn A chuir le ’ghràdh air do làithibh seun, An leug a’s luachmhoir’ ’bha ’d’ choran rìoghail, ’S chuir Rìgh nan Rìgh i ’n a choran féin. A ròis a’s àillidh, a mhiann na Gàidheal Nis guidheam làithean duit a bhios buan, An sìth ’s an sòlas, le beannachd shònruicht’ Le buaidh is glòir air tìr mòr is cuan; ’S mar chuir thu deadh-shìol a’ d’ thìr ’s a’ d’ theaghlach A bhan-righ ghreadhnach thu dheanamh buain, ’S ged dh’ fheudas pàirt bhi gun bhuain an dràsd dheth, Bidh saibhlean làn’ agad air là luain. ’S ’nuair ’thig gu d’ iarraidh an teachdair dìomhair ’S is éiginn triall o gach onoir mhòir, Guidheam Crìosd a bhi ’cumail dìon’ ort Fo sgàil a sgiath’ o ’n is e ’bheir fòir; ’S mar théid a’ ghrian gu làn deàrrsa sìos Fo chùirtein sgiamhach nam badan òir, Biodh do thriall-sa an sgéimh na diadhachd Gu coran siorruidh an rìoghachd na glòir! Laoidh. Ard Bhuachaille an tréud, ’Tha ghnàth ga ’n dìon o bhéud, Ri taobh nan uisge tlàth, Stiùir thusa mi gu caomh Gu imeachd aig do thaobh, Mar uan gun lochd, gach là. Tha eagal orm bhith reùbt’ Le droighionn guineach, géur, ’N uair dh’ fhàgas mi thu fhéin; Ciùrrar mo chasan sgìth, Oir ’s deacair, garbh, an t-slìgh’ ’Tha falbh o’n rathad réidh. Ach ’n uair tha ’n t-slighe buan, Togaidh do làmhan suas An t-ànrach bochd gu tlàth; Glanaidh tu uam gach smal, Ga m’ thoirt gu cluainibh glas’ ’S am bi gach lus fo bhlàth. Gus—saor o thruailleachd bhréun, ’S mi buileach glan gu léir, Troimh d’ fhuil-sa, Shlàn’gheir ghràidh— An toir thu d’ uan beag, caomh, Gu dachaidh shona, naomh, Ad thrò an Tìr an Aigh. Is e ’n taillear a ni ’n duine. Is e do chliù do chiad iomradh. Is e leigheas a’ chnatain cnapan itheadh. Is ann air an alt sin a bha treise na droma. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 17] [Vol. 6. No. 3. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 16 IULAIDH, 1897. No. 3. Mu Chalum-Cille. Rugadh an duine ainmeil so ann an Eirinn: thàinig e o theaghlach rìoghail na dùthcha sin; agus bha e mar an ceudna ’an dlùth-dhàimh do righribh na h-Alba. B’e ’athair Felim mac-Fhearghuis; a’s b’ odha e do Niall uaibhreach, righ mòr na h-Eirionn. Rugadh e anns a’ bhliadhna 521. A nuas o ’òige thaisbean e urrad tùir agus toirt-fainear, urrad do dhiadhachd agus do thuigse cheart, ’s gu ’n do chuireadh air leth e o àm a leanabais airson searmonachadh an t-soisgeil; agus ghnàthaicheadh na h-uile mheadhona chum fòghlum iomchuidh a thoirt dà, freagarrach airson na h-oifig chudthromaich sin. Bha e air a chàramh fo na daoinibh a b’ fhòghluimte r’a linn: thug e bàrr gu luath air gach aon a bha maille ris; agus bha ’chliù gu moch a mach air feadh na tìre. Bha e greis fo chùram an naoimh ainmeil sin, Ciaran; esan a thàinig ’na dhéigh sin a nall do Albuinn a shearmonachadh Chriosd. Ann an Ceann-tìre Earraghail, shearmonaich an duine math sin; agus tha loch agus sgìreachd Chille-Cìarain san dùthaich sin air an ainmeachadh air. Mun robh Calum-Cille ochd-bliadhna-fichead a dh’ aois, shuidhich e eaglaisean ’an Eirinn; ’na dhéigh sin chaidh e thairis gu tìr-mòr na h-Eòrpa. Bha e ainmeil san Eadailt agus san Fhraing airson ’fhòghlum agus a bheusan. Dh’ fheuch righre na Frainge r’a chumail aca féin; agus, anns an dòchas sin, rinn iad geallaidhne mòra dha; ach thubhairt esan riu, “B’ fhearr leam gu mòr a bhi feumail ri m’ linn na bhi saoibhir; air sgàth Chriosd, agus airson mo ghràidh dha, dhealaich mi ri m’ bheartas féin, ’s cha bu shuarach i, ’s cha dùgh dhomh nis gu’n sanntaichinn beartas dhaoin’ eile.” Cha’n ’eil fios cinnteach c’uin a phill e air ais do Eirinn. Bha ’n t-eilean san àm sin a’ sealbhachadh solus an t-soisgeil ann an tomhas àrd; bha e làn do dhaoinibh diadhaidh am feadh a bha Albuinn ’na fàsach fiadhaich, ann an aineolas, agus fo shaobh-chràbhadh muladach. Mhothaich an naomh Calum dha so le truas, agus ge nach robh fàth a dhòchais ro-mhòr, chuir e roimhe dol a mach mar abstol do na cearnaibh dorcha sin. Leis a’ bheachd sin, dh’ fhàg e a dhùthaich anns a’ bhliadhna 563; agus ann an curach beag, le dhà-dheug do luchd-leanmhuinn thaghta ghràdhaich, ràinig e ’n t-eilean uaigneach sin cùlthaobh Mhuile, ris an abair iad o’n àm sin I CHALUM-CHILLE. Bha ’n duine math mu’ m bheil sinn a’ labhairt a nis dà bhliadhn’ agus dà fhichead a dh’ aois, Bu chudthromach an obair a ghabh e os làimh, agus b’ uamhasach na grabaidh a bha ’na rathad. Cha ’n ann gu dearbh gun anabharra neirt inntinn agus cuirp a thigeadh dha an oidheirp idir a thabhairt. Bha muinntir na h-Alba san àm sin ann an staid choimheach, bhorb; bha iad co suarach mu naomhachd an duine bheannuichte, ’s gur tric a shònraich iad a chur gu bàs. Bha righ na dùthcha cosmhuil r’a chuid daoine. A’ cheud uair a thàinig Calum-Cille dh’ ionnsuidh a lùchuirt, a bha san àm sin aig ceann na h-aird-an-ear do Loch-Nis, dh’ àithn e ’n dorus a dhruideadh ’na eudann, gun an aoidheachd choitchionn a thoirt da féin no dhoibhsan a bha maille ris. Bha na sagartan Druidhneach aghartach soithreach ann an cur ’na aghaidh; bha iad teòma, seólta, ìnnleachdach, agus cumhachdach; agus bha uachdarain na dùthcha air an taobh Bha ’n dùthaich féin san ám sin mar aon fhàsach mòr, gun slighe no rathad tèaruinte tre na coilltibh tiugha dorcha; agus bha na monaidhean farsuing làn do bheathaichibh fiadhaich a bha ’n cunnart, iomad agus iomad uair, an naomh so a mhilleadh agus a sgrios, ’nuair a bha e ’g imeachd o chearna gu cearna ann an obair a Thighearna. A thuilleadh air so, bha e féin ’na ghiùlan agus ’na chleachdadh co fada dealaichte o mhuinntir na dùthcha, ’s nach feudadh e gun bhi mi-thaitneach leo. B’ àbhaist da trasgadh fad làithean, a bhi ’na chaithris ri ùrnuigh fad oidhchean. Bha e air a cheusadh do’n t-saoghal, agus bu shuarach leis toileachas-inntinn na beatha. Chuir e cùl ris na nithibh sin, a tha daoin’ eile a’ meas neo-chiontach agus feumail. ’Nuair bha e sèa-bliadhn’-deug agus trì fichead, b’e ’n t-ùrlar fuar a bu leaba dha, ’s a’ chlach chruaidh bu cheann-adhairt dha. Ach a dh’ aindeoin so uile, bhuadhaich e ’na shaothair, agus sin ann an tomhas mìorbhuileach. Fad cheithir-bliadhn’-deug-thar-fhichead, shaoithrich e, a’ socrachadh eaglaisean, agus craobh-sgaoileadh eolas Chriosd. R’a linn féin chunnaic e ’n creidimh Druidhneach air a chur fodha, agus roighachd na h-Alba air a h-iompachadh gu aidmheil an t-soisgeil. Bha eaglaisean air an socrachadh ann an iomad cearna, agus tharta air fad, eadar Albuinn agus Eirinn, bha e féin ’na uachdaran. Tha daoine fòghluimte ag innseadh dhuinn gu’n do shocraich e, ’na latha féin, trì cheud eaglais, agus gu’n do stéighich e ceud tigh-manaich; agus ann an eachdraidh na h-Eirionn tha e air ’innseadh dhuinn nach robh aon duine riamh a rinn ua h-urrad do chraobh-sgaoileadh an t-soisgeil ann an Eirinn ris, ach Gille-Padruig, àrd-naomh na dùthcha sin. Bha meas mòr air anns gach àit an deachaidh e, fad as, agus dlùth do làimh; ’nuair a dh’ fhàgadh e ’eilean féin, ’s a rachadh e mach air feadh na tìre, chruinnicheadh sluagh na dùthcha ’na dhéigh, a dh’ iarraidh a bheannachd, ’s a dh’ eisdeachd r’a theagasg. Ma ’s e eadhon an t-àit an robh chòmhnuidh, bha e air a mheas naomh; agus b’e iarrtas deireannach, agus miann righrean fad linntean, a bhi air an adhlacadh ann, agus codal a’ bhàis a ghabhail ann an ùir an eilein shona sin. Gu cinnteach bha e ’na lòchran mòr ’na latha féin; bha beannachd Dhé air mhodh ro-àraidh an cois a shaoithreach. (Ri leantuinn.) Bha I-Chalum-Chille a tarruinn aire muinntir na h-Alba gu mor air an t-samhradh so. B’e ’n naodhamh latha dhe ’n mhios a dh’ fhalbh co-ainm latha bais Chaluim-Chille; tha tri cheud deug bliadhna air a dhol seachad o’n chaochail an duine naomh, ach tha ’ainm cho cùbhraidh an diugh ’sa bha e riamh, agus chaidh urram a chur air ainm mar bu chòir. ’S i Eaglais na h-Alba a ghluais an toiseach. Chaidh àireamh mhor de mhinistearan ’s de shluagh dh’ ionnsuidh an eilean agus bha da shearmon—Gàilig an toiseach, agus an sin Beurla—aca anns an t-seann Eaglais. Beagan lathaichean an deigh sin rinn an Eaglais Chaitliceach an ni ceudna. Chaidh easbuig agus àireamh shagart do ’n eilean, agus bha seirbheis aca anns an eaglais cheudna. Bha coithional mor sluaigh ann, agus an deigh na h-aifhrinn thugadh searmon Gàilig seachad. Fhuair a’ Ghàilig mar so an t-urram bu dligheach dhi aig an da sheirbheis. Cha deachaidh linn seachad o’n chaochail Calum-Cille nach robh daoin’ ann a deanamh fàisneachd gu ’m biodh a’ Ghàilig marbh an ùine gle ghoirid, ach an diugh, an deigh tri cheud deug bliadhna dhol seachad, tha i cho beò ’sa bha i riamh, agus tha i air a searmonachadh air an t-seann làraich anns ’n do thog Calum-Cille fhéin a ghuth gu sgairteil innte o shean. Gheibhear cunntas aithghearr air eachdraidh-beatha Chaluim-Chille anns an àireamh so. [TD 18] [Vol. 6. No. 3. p. 2] NA H-AOIREAN. ’S e aoir, tha mi meas, an aon fhocal Gaidhlig, de na tha cumanta ’n ar measg an traths’, is dluithe ann am brìgh do’n fhocal bheurla Satire. Ann an litreachas nan gall tha am focal Satire air uisneachadh ann an seadh na’s farsuinge na tha aoir ann an litreachas nan Gaidheal. Ach tha mi de’n bharail gu’m faighear am feart a tha ’m focal beurla a’ ciallachadh ’n ar measg-ne ged nach abrar aoir an comhnuidh ris. Is e am feart no a’ bhuaidh so a bu mhiann leam a bhi feuchainn ri shoillearachadh air an àm. Na’m biodh focal a bu fhreagarraiche na aoir agam dlu air laimh ghabhainn e mar shuaicheantas no mar cheannteagaisg, a chionn tha fios again gu bheil droch fhaileadh de’n fhocal. Ach cha’n aithne dhomh aon is freagarraiche, agus feumar a bhi deanamh na cuid is fearr de’n chuid is measa. ’S e crioch bardachd a bhi beathachadh na h-inntinn, an spioraid, a’ chridhe. Tha iarrtuis ann an nadur an duine a ni bardachd a shasuchadh mar nach dean ni eile. Tha ’n t-anam neo-bhasmhor a’ faireachduin gu bheil e lag, truaillidh; nach eil a chobhair ann fein; agus as eugmhais maitheanais ’us cuideachaidh bho Chruith-fhear gu’n teid e gu brath a dhìth. O’n fhaireachduin so tha na laoidhean ag eirigh: “Air t-uile throcair, O mo Dhia, Tra dhearcas mi gu diù, A’ mosgladh suas tha m’anam blà, Le h-ioghnadh, gradh, ’us cliù.” Tha ar cairdean, luchd ar gaoil, air an gearradh air falbh o ar taobh. Tha an cridhe a tha an impis cur thairis le gaol agus le bròn a faotainn ni-eigin de fhaochadh le bhi taomadh a mach cuid de fhaireachduin ann am marbhrann. A’ bheil iarrtus no faireachduin ann an inntinn an duine a tha an aoir a’ sasuchadh, agus ma tha co iad? Feudar a bhi cinnteach gu bheil; mur bitheadh, cha bhiodh an aoir ann. Tha mi a’ deanamh dheth gu bheil e nadurra do’n duine a bhi cronuchadh cionta agus a bhi fanoid air faoineis. Ma ghabhas am bard os laimh so a dheanamh, ’s e aoir a heir sinn r’a shaothair. Ach co thusa no mise a tha gabhail oirnn fein a bhi toirt breith air ar coimhearsnaich, agus a bhi ’g innseadh ar barail do’n t-saoghal? Co thug ughdarras dhuinne a bhi siubhal sios agus suas, a null agus a nall, air feadh an t-saoghail agus am measg ar luchd-eolais, a bhi cumail suil ’us cluas fhosgailte airson gach ni a chi no chluinneas sinn, agus a bhi rnith leis gach ni nach cord ruinn ann an giulan no ann an caithebeatha ar coimhearsnaich gu leabhar no paipeir-naigheachd? Ciod e do ghnothuch-sa ris an doigh air an gluais mise mi fein, cho fada agus nach ’eil mi a’ deanamh coire ortsa? Co a chuir thusa ann ad bhreitheamh thairis orm-sa? Nach ’eil do rathad fein agad-sa, agus mo rathad fein agam-sa? Nach ’eil Eaglaisean againn agus luchd-dreuchd air an orduchadh annta le ughdarras a chum a bhi cronuchadh peacaidh agus pheacach? Nach ’eil luchd-riaghlaidh againn “a chuireadh a chum dioghaltais air luchd-dheanamh an uilc, ach a chum cliu dhoibh-san a ni maith?” Nach ’eil breitheamhnan againn air am mionnachadh gu ceartas a dheanamh eadar duine agus duine, agus nach ’eil cumhachd na rioghachd air an cùl a chum peanas dligheach a dheanamh air luchd-brisidh an lagha? Nach ’eil maighstirean-sgoile againn a chum an ni a tha ceart agus ceutach a theagasg do’n oigridh? Nach ’eil mar so o’d’ breith gu d’bhàs daoine agad a tha air an iunnsachadh ’n an dreuchd agus a tha air an cur air leth agus air am paigheadh air son a’ ghnothuich, a dh’ionnsuidh am feud thu dol a dh’fhoghlum do dhleasdanais do d’cho-chreutair agus do d’ Chruithfhear, agus a dh’ionnsuidh am feud thu do choimhearsnach a thoirt airson peanais ma tha cuis-dhitidh agad ’n a aghaidh? Ma tha cuis agad a’m’ aghaidh-sa, nach toir thu air beulthaobh breitheamh mi, far am bi comas agam air do choinneachadh, agus far an teid dà thaobh na sgeoil innseadh? Agus mur ’eil cuis agad a sheasas, feoraicheam a rìs ciod e do ghnothuch no co thug ughdarras dhuit dol a thoirt breith orm-sa agus dol a chur do breith fa chomhair an t-saoghail a chum agus gun luidh corruich no tamailt an t-saoghail orm-sa? Tha e farasda gu leoir ceist a chur; ach cha ’n ’eil e mar is trice cho farasda a fuasgladh. Thuirt duine cho ainmeil agus a tha beò an diugh ’n ar rioghachd, Mr. Gladstone, o chionn beagan bhliadhnachan gu’m b’e aon de chomharran ar latha-ne gu bheil sinn na’s fearr air ceistean a chur na tha sinn air am fuasgladh. Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil so fior; agus tha mi meas nam faigheadh na ceistean a chuir mi fuasgladh dligheach, gu’m biodh beachd car soilleir againn air c’uin a bu choir agus c’uin nach bu choir dhuinn, cha ’n e breith a thoirt air gluasad ar luchd-eolais, cha’n urrainn dhuinn gun so a dheanamh, ach ar breith a sgaoileadh air feadh an t-saoghail ann an rann no ann an sgeul. Tha mi de’n bheachd gur e cron ar latha-ne, ann an tomhas mor, gu bheil sinn ro dheas gu bhi ’cur ar barail mu ghluasad agus mu dhoighean agus mu bharailean a cheile fa chomhair an t-saoghail. Creididh mi nach urrainn an neach is farsuinge inntinn am feum a rinn paipeirean-naigheachd do’n t-saoghal a mheas mar bu choir. Cha tig sinn as an eugmhais gu brath tuilleadh; agus tha e iongantach leinn ciamar a thainig daoine beo as an eugmhais cho fada. Ach cha’n ’eil eadhon na paipeirean-naigheachd saor o mhearachd. Gheibhear anntasan mar anns an t-seillein “an taice cheile ’mhil ’s an gath.” Gheibhear annta a’ mhil ann an tomhas moran na’s pailte na’ m puinnsean. Ach cha n’ ’eil mi ro chinnteach nach ann an lughad a tha mhil a’ dol agus nach ann am meud a tha ’m puinnsean a’ dol. A dh’aon ni tha mi meas gu’m faighear anns a’ phaipeir-naigheachd ’n ar latha-ne na’s lugha de naigheachdan agus na’s mo de bharailean na bhiodh freagarrach. Tha am páipeir-naigheachd a nis a’ gabhail os laimh teagasg cho maith ri foghlum a thoirt seachad. Tha e stri ri d’thoil a lubadh cho maith ri d’cheann a lionadh. Cha ’n fhoghainn leis an Deasaiche naigheachdan a thoirt dhuit, ach a bharail fein air na naigheachdan. Tha so buil ùr, ann an tomhas mòr, gus a’ bheil am paipeir-naigheachd air a chur. ’S e am paipeir-naigheachd mar so is fear-teagaisg do’n mhor chuid dheth ’n t-sluagh. Tha moran de na daoine is foghluimte agus is gleusta anns an rioghachd a nis a’ sgriobhadh anns na paipeirean-naigheachd; ach, ged tha, cha ’n ’eil na paipeirean ro fhreagarrach airson teagaisg. Tha na naigheachdan a dhìth oirnn fhaotainn cho luath agus a chluinnear iad; ach cha bhi a’ bharail a theid a thoirt seachad leis an comhnuidh fallain. A rìs tha gach paipeir-naigheachd a tha againn a seasamh air taobh buidheann no beachd no aidmheil shonruichte, agus cha ’n fhaigh teagasg nach ’eil ann an co-chordadh ri beachd no aidmheil a’ phaipeir-naigheachd a cheannach no fhaicinn. ’S e so a cheart chuid de’n t-sluagh is mo a tha ann am feum air teagasg fallain; ach ann an aon phaipeir-naigheachd cha’n fhaic iad ach aon taobh de na ceistean cudthromach a tha gluasad inntinnean dhaoine ’n ar latha-ne, agus mar so chan ’eil e cho comasach dhoibh barail chothromach a bhi aca mu thimchioll nan cuisean sin. Ach cha’n ann a mhain ann a bhi toirt seachad teagaisg aon-taobhach no mi-fhallain a tha mi saoilsinn a tha ar paipeirean-naigheachd a’ dol clì. Gheibhear annta gu minic naigheachdan nach bu choir a bhi annta. Tha, ’n lath-ane co-dhiu, sonas agus comhfhurtachd gach duine ann an tomhas mòr an crochadh ri gluasad ’us giulan dhaoine eile. Cha ’n ’eil duine a tha ’g iarraidh no gabhail os laimh a bhi seasamh an aite buidheann de’n t-sluagh a chum an coir a dhion no am beachdan a chur an ceill nach feum cunntas a thoirt air a stiubhardachd. Cha ’n ’eil neach a ghabhas os laimh dol a theagasg a cho-chreutairean le theangaidh no le pheann nach feum fulang d’a cho chreutairean a bhi toirt breith air a theagasg. Cha ’n ’eil neach ann an cumhachd no ann an ughdarras ’n ar measg nach ’eil cunntasach do’n t-sluagh, a reir creidimh ar latha-ne, airson a’ bhuil gus a’ bheil e ’cur a’ chumhachd no ’n ughdarrais a bhuineas dha. Aig an neach is diblidh ’n ar measg tha dleasdanais araid r’an coimhlionadh d’a choimhearsnaich, agus tha e freagarrach air gach doigh gu’m biodh cuid-eigin ann a chuireas a dhleasdanais ’n a chuimhne ma ’s e agus gu’m bi e ’g an dearmad. Feudar a radh gu bheil beatha gach neach againn dà fhillte. Buinidh an dara dual d’ar co-chreutairean, agus an dual eile dhuinn fein. Airson ar giulain air an dara laimh tha cunntas againn ri thoirt seachad do’n t-saoghal. Airson ar giulain air an laimh eile tha cunntas againn ri thoirt [TD 19] [Vol. 6. No. 3. p. 3] seachad, anns an t-saoghal so, da’r coguis fein a mhain. Feudaidh e bhi gu’m biodh e freagarrach gu’m biodh an earann d’ar giulan a bhuineas do’n t-saoghal na bu mhò, agus an earann a bhuineas duinn fein na bu lugha na tha cleachdta ’n ar measg an traths ged tha mi fein de atharrach barail. Ach tha agus bithidh e ceart agus freagarrach air gach cor gu’m bi moran do d’ ghiulan agus do d’ghluasad agus gu sonruichte a’ chuid is airde agus is soluimte de d’bheatha foluichte o shuilean an t-saoghail agus cunntasach do d’choguis fein a mhain. Is ann le stri chruaidh, bhuan, agus fhuilteach a bhuannaichd ar n-aithrichean an t-saorsa a dh’fhag iad mar dhileab againne. Cha ’n urrainn dhuinn a bhi taingeil gu leoir d’ar sinnsearachd airson na saorsa a tha sinn a mealtuinn agus cha ’n urrainn sinn a bhi eudmhor gu leoir airson an t-sochair mhor so a ghleidheadh ’na h-uile lanachd d’ar cloinn. Agus feumaidh sinn an aire thoirt an uair a thilgeas sinn ain-tighearnas ’us foirneart de aon seorsa nach fuiling sinn do ghné fhoirneart sam bith eile an t-aite falamh a lionadh. Is tric a dh’fhas an gille ’n a mhaighstir; agus is tric a rinn deagh sheirbhiseach droch mhaighstir. Dh’iarr agus fhuair na seana Bhreatunnaich cobhair o na Sasunnaich airson iad fein a dhion o thulgaidhean garbha nan seann Albannach; ach cha luaithe a fhuair na Sasunnaich an cas air Sasunn na dhearbh iad nach tilleadh iad mar a thainig iad. Ann an uine ghoirid bha chuid a b’fhearr de’n fhearann ’n an lamhan Is e bosd uibhreach a’ Bhreatunnaich gur e thigh a chaisteal; agus nach faigh an righ fein a stigh gun chead fir an tighe. Ach nach ’eil ni-eigin de chumhnart ’nr a latha-ne ged tha an toil agus an comas againn an righ a dhruideadh a mach as ar tigh, gu bheil sinn tuillidh ’us toileach agus gu bheil sinn gach latha a’ fas na’s eu-comas-aiche air an “t-saoghal” a chumail a mach? Is feairrde gach aon againn gu’m biodh barail an t-sluaigh a bha agus a tha agus a bhitheas, ann an tomhas, ’na “lòchran d’ar cois agus ’na sholus d’ar ceum.” Ach cha ’n ionann so agus a’ chleachduin a tha fas gach latha na’s cumanta ’nar measg, a bhi toirt cead ’us còir do gach aon a shaoileas gu’n do rugadh esan airson an t-saoghail a chur ceart, a bhi ’g innseadh ann am paipeir-naigheachd do na ceudan nach cuala riamh iomradh air t-ainm-sa no air m-ainm-sa a bharail air a ghnè dhaoine tha annainne, an doigh air am maith leinne ar croith a ghiullachd, ar teaghlach oileanachadh, no eadhon ar cuirp a chomhdach. Nach searbh an gnothuch e ma chaidh againn air cumhachd a’ chrùin a lughdachadh air chor agus nach urrainn an righ dragh a chur oirnn ach le ughdarras lagha ris an do chuir sinn fein ar n-aonta cho maith ris-san, ma chaidh againn air cuing nan uchdaran a bhriseadh air chor agus nach faod iad buntainn ruinn fein no r’ar’ cuid ach air bonn a’ chordaidh a rinn sinn ri cheile, gur eigin duinn fulang do gharrach ’s am bith d’an urrainn litir a sgriobhadh sinn fein agus ar doighean agus ar cleachduinean a chur am beul an t-sluagh? Tha e farasda gu leoir dhuit a bhi ann ad earalas air a’ mhaor. Thig e gu follaiseach; innsidh e ’ghnothuch,; agus tha bharantas ’n a laimh. Ach cha ’n ’eil dol as air fear a’ phaipeir-naigheachd. Ma theid thu mu chùl do ghnothuich agus gu’m fag thu do dhorus fosgailte; bithidh cunntas air gach ni a tha fo chromadh do thighe ann am paipeir-naigheachd mu’n tig ceann dà latha, gu sonruichte gach ni a shaoileas an sgriobhaiche chuireas campar ort-sa agus a shasuicheas blas fiar a luchd-leughaidh, Ma ghlaiseas tu do dhorus tha ’chluas ri toll na h iuchrach, tha ’shron leudaichte ris an uinneig. Theid gach ni a chi no chluinneas e agus dà ni nach faic agus nach cluinn gus a’ phaipeir-naigheachd. Ma theid thu le fear-turuis ceum de’n rathad no ma bheir thu le caoimhneas cuid na h-oidhche dh’a agus an t-aiseag an la’r-na-mhaireach, is e is docha gu’m bi na ceudan a ’gaireachdaich mhagaidh ort, air t-ainm agus air do shloinneadh, mu’n tig ceann seachduin. Ma’s duine thu leis an toil a bhi tighinn beò, ann am measg sluaigh a tha ruith an deigh gach ni ùr ’us fasanta, mar bha t-athair agus do sheanair romhad, leis an teine air meadhon an urlair, agus an crodh ann an ceann eile an tighe, cuiridh peasan air chor-eigin a dh’iunnsaich beagan de dhroch bheurla, do dhealbh fein, dealbh do mhnatha, do chloinne, agus do thighe gus a’ phaipeir-naigheachd, agus bithidh luchd-turuis ’n am ficheadan agad a’ tighinn a’d’ fhaicinn mar chuis iongantais air an ath shamhradh. Ma’s e am “feile beag is docha leat,” rach cuairt leis roimh ’n duthaich agus bithidh tu cho ainmeil agus ged b’e Turcach no coileach-frangach a bhiodh annad. Ni an dara paipeir-naigheachd fior Ghaidheal dhiot; ni am fear eile burraidh faoin dhiot a tha deanamh uaill as a luirgnean a bhi ris na feannagan. “Ge mòr an duibheas beusan Th ’eadar eucoir agus còir, Cha ’n eol domh aite-seasaimh. Gun a chos air aon de’n dhà.” arsa Rob Donn gu fior agus gu geur. Tha eucoir agus còir cho dealaichte o cheile ri oidhche agus ri latha, ach mar a tha oidhche agus latha gheibhear iad an taice a cheile; agus moch ’us anmoch tha àm anns a’ bheil e duilich a radh co-dhiu is oidhche no latha e. Tha cuid d’ar giulan a tha e freagarrach gu’m biodh e soilleir do’n t-saoghal mar an latha; tha cuid eile a bu choir a chomhdach le brat na h-oidhche o gach neach ach ar coguis fein a mhain. ’S e cron ar latha-ne, thi mi meas, gu bheil sinn ro-dheas am brat so a tharruing a thaobh agus leigeadh le suilean an t-saoghail sealltainn ’n ar tighean agus ’n ar cridheachan na’s trice na bu chòir. Gus o chionn beagan uine b’ iad na baird paipeirean-naigheachd na Gaidhealtachd. Chr ’n ’eil teagamh nach robh o shean, mar tha fathasd agus mar bhitheas cho fada agus a bhitheas daoine ann, cuid a’ gabhail barrachd gnothuich ri nithean nach buineadh dhoibh na bha còir aca air; ach cha rachadh seanachas de’n t-seorsa so fhada agus cha ghleidhteadh ach goirid air chuimhne e. Is e na baird a mhain a bha comasach air cliù no mi-chliu duine a sgaoileadh air feadh na tìre agus a ghiulan a nuas air meodhair an t-sluaigh. Thug ar sluagh aoir mar ainm air na h-orain a rinn na baird a chronuchadh no chaineadh dhaoine ’us chleachduinean a bha iadsan a’ meas toillteanach air achmhasan no air tamailt. A reir mo bharail ghabh na baird gnothuch ri daoine ris nach robh gnothuch aca na bu trice na tha na paipeirean-naigheachd a’ gabhail; agus anns a’ Ghaidhealtachd co-dhiu chain iad gu ro-thric air dhoigh a bha narach, maslach, daoine gu mor a b’fhearr na iad fein. B’e còir nam bard mar luchd-teagaisg a bhi toirt breith air giulan dhaoine a bha gabhail orra a bhi ’riaghladh, a’ stiuradh, no ’teagasg sluaigh; b’e an còir a bhi cronuchadh gach cleachduin ’us beachd faoin no suarach no cronail no peacach a bhiodh a’ faotainn aite am measg dhaoine. Na’s faide na so cha ’n aidich mi gu bheil còir aig bard no aig fear-teagaisg no aig paipeir-naigheachd gnothuch a ghabhail ri deanadas a cho-chreutairean. Agus eadhon an fhad so, bhiodh e ceart gu’n cuimhnicheadh am bard gur e fear nan lamhan glan a mhain d’an tigeadh e dol a chronuchadh uilc. (Ri leantuinn.) Sgialachd na Troidhe. DEALACHADH HECTOIR AGUS’ ANDROMACHE. BHO ’N GHREUGAIS. LE EOBHAN MAC LACHAINN. Cha ’n eil dàn ’s a’ Ghréigis a thug barr air “Dealachadh Hectoir agus Andromache,” agus da rìreadh cha do chaill e a bheag dheth ’àilleachd le chur ’s a’ Ghàilig. Bheirear fosnear gu ’m b’e Hector mac righ na Tròidhe agus gu’ m b’i Andromache a chéile-phòsta. Tha ’m bàs na dhealachadh diachainneach gun teagamh, ach cha dad idir e ri shamhlachadh ris an dealachadh-bheò. B’ e an dealachadh gun choinneachadh a bh’ eadar Hector agus Andromache. Bha séisde ris an Tròidh ’s an àm. Chual’ e ’s ghreas air ’ais romh ’n t-sràid, Seach sreithean thigh àrd nan cliar; ’S thuit gu ’n d’ fhuair e ’ghaol a’ bròn Làimh ri còmhlaidh mhòir nan sgiath. Chunnaic bean mhaiseach nam béus, ’S le plosg éibhnis léum na ’dhail, Andromache chaoin gun lochd, A fhuair dìleab ’s an toic làin; Nighean Elioin bu chian cliù, Sluagh Chilicia lùb do ’n triath, Thebe cathair an laoich àigh, ’S Hippoclacus nan sgàil ciar. Air cìch na h-òighe ri ’taobh, Bha ’n geala-mhicein aobhach, ùr, A ghnùis fhiamh-ghàireach mar réul A dh’ éireadh ’s a’ Chéitein chiùin. Scamandrius, bho shruth nan sealbh, (Air a leantuinn air taobh 22.) [TD 20] [Vol. 6. No. 3. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 16 IULAIDH, 1897. Tha muinntir Eilean a’ Phrionnsa gu bhi teaghadh pàrlamaid ùr Di-màirt s’a tighinn. Tha leth-cheud duine ’sa naodh a ruith, naodh air fhichead de Liberals, naodh air fhichead de Chonservatives, agus aon Phatron. Mar is àbhaist tha iad air gach taobh a’ gabhail orra bhi cinnteach gur ann leotha san a theid an latha, ach ’se ’n latha fhéin a dh’innseas co tha ceart. Tha aon ni bu chòir do dhaoine chumail air chuimhne ’n àm a bhi taghadh luchd’-pàrlamaid, agus ’se sin, iad a bhotadh leis na daoine ’s fhearr, ge b’e taobh air am bi iad. Ma bhios na daoine cearta air am taghadh, cha chùram nach bi an dùthaich air a deagh riaghladh; ach ma bhios na daoine nach eil mar bu chòir dhaibh a bhi air an cur an dreuchd, cha dean iad riaghladh ceart ge b’e pàirtidh air am bi iad ’g an ainmeachadh fhéin. Cha ’n eil ùbhlan agus measan eile gu bhi cho pailt am bliadhna ’sa bha iad an uiridh. Bha am bàrr cho trom an uiridh ’s gu ’n do lagaich e na craobhan, agus cha bhi iad ’nan àite fhéin gu ceann bliadhna no dha eile. Tha sinn toilichte bhi leughadh gu bheil Ceap Breatunn a toirt ceum air adhart ann an togail mheasan, agus tha sinn an dòchas gu lean a’ chùis mar sin; cha ’n eil fhios car son nach biodh an t-eilean so a’ togail mheasan cho math ri àiteachan eile. So toiseach bliadhna MHIC-TALLA agus bu chòir d’a chàirdean an t-airgead a chur uige air son bliadhn’ eile. Tha moran againn ri phàigheadh a mach air a’ mhios so, agus cuiridh an luchd-gabhail comain oirnn ma chuireas iad an dlighe ugainn gun dàil. Feuchadh iad nach dean iad dearmad oirnn. Thuirt Admiral J. N. Miller, aon de cheannardan an airm mhara anns na Stàitein, o chionn ghoirid ’se labhairt mu dhion na dùthcha, “B’ e mo chomhairle-sa do dhùthaich sam bith a tha air son a dhol a chogadh, i a chur a comhairle ri Breatunn mu’n tòisich i.” Cha d’ thainig crioch air aimhreit na Tuirce fhathast; tha fios a thainig air an t-seachdain so ag radh nach eil an Sultan a’ toiat céill do thorl nan rioghachdan idir. Comunn Gailig Halifacs. Tha coinneamh gu bhi aig Comunn Gàilig Halifacs air feasgar Dior-daoin, an darra latha fichead dhe ’n mhios, aig ochd uairean. EOS. D. SUTHARLAN, Runair. Mu’n Uisge. ’Se loch uisge—uisge tur-chuairtiche le fearann, mar a ta Loch-nis, Loch-tadha, Loch-loimein, &c. ’S e abhuinn, uisge ’tha ruith leis na h-aonaich, ann an amar, sios do’n mhuir. ’Se fuaran no loch-mathair uisge aibhne. ’S e abar aite far am beil abhuinn a còmhlachadh uìsge’ eile; mar a ta Abar-chaladair, Abar-thairbh, Abar-readhoin &c. ’Se ionbhar, am fearann cònard a ta shios mu abar aibhne; mar a ta an t-Ionbhar, Ionbhar-àir, Ionbhar-nis, Ionbhar-lòchaidh, &c. ’Se comar, mar an céudna, coinneachadh dà uisge, agus ’se comaraich a theirear ris an fhearann a ta eadar na h-uisgeachan; mar a ta a’ Chomaraich (eadar Loch Caruinn agus Loch Toradain); a’ Chomaraich (’an Siorrachd Pheairt); Magh-comair (eadar Lòchaidh agus Spiathain ’an Lochaber). Ri uisge a’s lugha na abhuinn their sinn alld, caochan; steall, sruthan, srùlag, ruith uisge, &c. ’Se cuan-choire no slugan, ionad ’s an fhairge far am beil an sruth ’ga thoinneamh, gu garg faochagach, aìr chor ’s gu’n deothail e leis, agus gun sluig e sios gach nì air am fagih e greim. Tha fear dhiubh seo eadar Diùra ’us Sgarbh, ris an abrar Coirebhreacain.—Se an seol-mara, sruth an lìonaidh no ’n tràghaidh. ’S e corran no caisle, cuinge troimh am bi an sruth a’ ruith gu cas corrach. ’S e sùmaid, no bàrc, tonn no stuaidh lunnach mhòr. ’Se ’m béulan an tonn a’s faisge de dhithis, agus an cùlan an ath fhear dha. ’Se an clagh—an slochd a bhios eadar dà thonn. ’S e buinne-beô toiseach éirigh an làin gu reothairt. ’Si ’n reothairt, trà nan làn mòra. ’Si a’ chòntraigh, trà nan làn beaga. ’S e sgeir, no roc, creag anns a’ mhuir a thig ris (no dlùth air), ri h-àm tràighe, ach a bhios fo-thuinn ri h-àm a’ mhor-làin. ’S e oitir, tanalach a bhios ris, ri tràigh.—’S e caol stiall chaol mhara eadar dà fhearann; mar a ta caolas Shiùna, caolas Mhic Phàdraic. ’S e port no aiseag, àite far am bithear a’ dol thairis air uisg’ ann am bàta. ’S e beul-àth, àite ’san urrainn neach dol troimh abhuinn ga chois. Ri slios no oir an fhearainn, cois na fairg, theirear còrsa, eirir oirir, cladach, tìr, no tràigh. ’S e morfhach, fearann thar am bi a’ mhuir no uisg’ eile a’ sgaoileadh corr uair. Mìnich féin tabh, mearashal faothail, lunn stoirm, fiath, ciùine, glogruinn, fuaradh-froise, sgopraich, teine-sionnachain, taisdeal, trò, fannan, drothan, driuch, sion doinionn, soinionn, marcachd-sìne, onfhadh, sluistreadh fosghair, luinneinich, ruinigil, cuartag. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 21] [Vol. 6. No. 3. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha bòguis a bhuntata aig obair air an t-samhradh so mar a b’ àbhaist, agus a’ deanamh sgrios nach beag air a’ bhuntata. Chaochail naodh duine deug ieis an teas anns na mor-roinnean uachdrach air an t-seachdain s’a chaidh. Bha a’ chuid mhor dhiubh an am Montreal. Bha dithis dhaoine tinn leis a’ bhric ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaochail fear dhiubh. ’S ann far na dùthcha a thainig iad le chéile. Chaidh fear Uilleam Smith, a mhuinntir Charlottetown, E. P. I., a mharbhadh a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh aig àite ris an canar Rocky Point. Thuit e le creig, agus bha e marbh air ball. Bha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois. Tha Lieutenant Peary a’ dol a thoirt sgriob eile do ’n àirde tuath; bidh e falbh á Boston deireadh na seachdain so. Tha Caiptean Bartlett agus an sgioba ceudna ’sa bh’ aige ’n uiridh a’ dol ’ga ghiùlan fhéin ’sa chuideachd ann an soitheach do’n aìnm “Hope,” agus taoghlaidh iad ann an Sidni a dh’ iarraidh guail. Tha duais cheud dolair air a tairgse do neach sam bith a ghlacas Uilleam H. Carmichael, a mhuinntir Halifax, a theich á Parrsboro, N. S., le faisg air ceithir cheud dolair de dh’ airgead duin’ eile. Bha e ’g obair aig greusaiche d’ am b’ ainm Henry Pettis, agus nuair a theich e thug e leis $377 de chuid airgeid. ’S a mhaduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, chaidh am bàta-smùide Hygeia na teine ’si aig laimhrig Vooght, an Sidni Tuath. Chaidh am mullach a losgadh dhith gu buileach, agus bidh an call gle mhor. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil i gu bhi air a càradh ’s air a cur an uidheam na ’s fhearr na bha i roimhe air son a bhi ruith an aiseig. Bha latha mor aig na h-Orangemen anns a’ bhaile so Di-ciaduin. Bha iad cruinn as gach cearna de ’n eilean, còrr us coig ceud dhiubh; mhears iad troimh ’n bhaile mu leth-uair an deigh deich ’sa mhaduinn, agus chaidh iad a mach gu Ashby, far an robh pic-nic aca, ’s far ’n do chuir iad seachad a’ chuid eile dhe ’n latha. Bha dùil ri faisg air da mhile dhiubh thigh’nn a nuas á Nobha Scotia, ach dh’ fhairtlich orra còrdadh a dheanamh ri luchd an rathaid-iaruinn, agus cha d’ fhuair iad tighinn. Bha Iudhach do ’m b’ ainm Mr. Khader, a’ dol mu ’n cuairt o chionn ghoirid a liubhairt òraid mu thir Phalestine, agus dùthchannan eile na h-àirde ’n ear. Bha an òraid gle thaitneach, agus a toirt seachad moran fiosrachaidh. Bha àireamh ghillean us nigheanan aige air an sgeadachadh ann an culaidhean riomhach mar a tha ’n cleachdadh am measg an t-sluaigh anns na dùthchannan sin. Chòrd an òraid gu math ris gach aon a chual i. Bha Mr. Khader ann an Sidni o chionn da sheachdain air ais, agus bha e anns na bailtean eile mu ’n cuairt mu ’n aon àm. Fhuair Coinneach R. Mac Coinnich, an Sidni Tuath, an la roimhe sgeula-bàis a bhràthair, Alastair Mac Coinnich, a bha fuireach o chionn àireamh bhliadhnaichean ann am baile Fairhaven, an stàit Washington. Bha e aig àm a bhàis ann an cearna de Mhontana far an deach e air chuairt air son a shlàinte. Dh’ fhàg e an t-eilean so o chionn da bhliadhn’ deug air ais, agus shoirbhich leis gu math. Bha e treis a bhliadhnaichean ’na àrd-bhàillidh am Fairhaven, agus bha e na cheann air aon de bhancaichean a’ bhaile cheudna. Bha e air aon de na daoine b’ inbheiche bh’ anns a’ bhaile. Tha na saighdearan a chaidh a null do Bhreatuinn gu Iubili na ban-righ’nn air tigh’nn dhachaidh. Chord an turus riutha gle mhath. Chaidh càin sia ceud dolair a chur air soitheach Frangach ann am Moncton, N. B., air an t-seachdaìn so, air son an stiùbhart a smugaladh sia botuill branndaidh. Bha stoirm mhor ann an Stàit Mhaine toiseach na seachdain so. Bha an t-side cho garbh ann am Portland ’s nach d’ fhàg soitheach an acarsaid fad da latha. Chaidh call nach bu bheag a dheanamh air muir ’s air tir. Cho gearanach ’s gu robh sinn air an fhuachd, ’nuair a thainig an teas cha b’e b’ fhearr. Bha teas mor ann air an t-seachdain s’a chaidh agus air an t-seachdain so. Bha e cho mor anns na bailtean mora ’s gu ’n deach àireamh daoine a mharbhadh leis. Ann an litir a’ “Chuairteir,” anns an àireamh roimhe so, bu chòir a bhi air a radh mu ’n phiob air an robh na gillean a’ cluich, gu robh i ann am blàr Waterloo. Cha ’n eil fhios againn co bha ’ga cluich anns a’ bhlàr iomraiteach sin, no ciamar a thainig i gu Loch Ainslie, ach cha ’n eil teagamh sam bith againn nach eil an “Cuairtear” e-fhéin comasach air a h-eachdraidh innse, agus ’nan deanadh e sin bhitheamaid ’na chomain. Tha na bradain gle phailt an amhuinn Mhargaree air an t-samhradh so, agus thatar a glacadh moran dhiubh. Cha ’n eil balach no duine nach eil air an tòrr, agus tha daoine tigh’nn as gach cearna le ’n cuid dhubhan feuch an glac iad fear no dha dhiubh. Cha ’n eil àit air an eilean a’s taitniche na Margaree air son an samhradh a chur seachad, agus tha pailteas nam bradan air a’ bhliadhna so ’ga fhàgail na ’s fior thaitniche. Thainig duine beairteach a bha ’fuireach ann am baile an California ri bheatha fhéin air an t-seachdain so. Bha e air dealachadh o mhnaoi o chionn bliadhna air ais, agus bha e làn riaraichte; ach air dh’ ise bhi air son tigh’nn cuide ris a rithist, ghabh e deoch làidir de phuinnsean, agus chuir e crioch air fhéin. B’ fhearr leis dealachadh rìs na bh’ aige dhe ’n t-saoghal agus ris an t-saoghal fhéin na bhi ’n comunn na mnatha! B’ olc an t-eolas a chuir e oirre. Chaidh an seann tigh a bh’ air oisean sràidean Shearlot agus Phitt a leagadh deireadh na seachdain s’a chaidh. B’e aon de na taighean bu shine bh’ anns a’ bhaile. Bha Lachuinn Mac Ghuaire, greusaiche, ag obair ann fad shia bliadhn’ deug air fhichead; ’se ar barail nach eil moran an diugh ann an Sidni a dh’ obraich ùine cho fada air an aon làraich. Thatar a nise cladhach seileir, agus a’ deanamh deiseil gus togalach mor, briagha, a chur suas ’na aite air son Comunn nan Daoin’ Oga; agus ma mhaireas e cho fada ’s ma ni e ’obair cho math ’sa rinn an seann tigh, ni e gle mhath. Bha Ard-Lodge nan Good Templars ann am Baddeck air an t-seachdain s’a chaidh, Di-màirt, Di-ciaduin, ’s Dior-daoin. Bha àireamh mhor de luchd na stuamachd cruinn as gach cearna de ’n mhor-roinn, agus chuir iad air dòigh gnothuichean a’ chomuinn gu maiseach agus an deagh ordugh. Bha iadsan nach robh an Ceap Breatunn riamh roimhe gle riaraichte le ’n turus, agus bu mhath leotha tighinn a rithist. Bha àireamh de na h-oifigich air son na bliadhna tha tighinn air an taghadh á measg muinntir Cheap Breatunn;—an t-Urr. Uilleam G. Lane, Sidni Tuath, Ard-Theamplair; Albert I. Hart, Baddeck, Ard-Chomhairleach; E. G. Mac Fhiongain, Sidni, Ard-Rùnair; agus Anna B. Nic Gilleain, Hogamah, Ard-Iar-Theamplair. Nochd muinntir Bhaddeck mor chaoimhneas ris gach neach aig an robh gnothuch ris a chomunn, mar is math is aithne do na Gàidheil a dheanamh anns gach àite ’ni bi iad. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .30 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmich. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADDECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stor mor aige dhe na h-uile seorsa bathair. Bathar Tioram Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B, Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd ghabhail thoirt dha. CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA $1.00 SA BHLIADHNA. [TD 22] [Vol. 6. No. 3. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 19.) Rinn Hector a ghairm de ’n òg. Astijanax ainm bho chàch Thaobh an t-suinn bu sgàth do Thròidh. Snodhadh sòlais rinn an laoch, ’S thòisich faoilt an t-aigneadh mòr. Sheall gu tiamhaidh ’n rìghbhean àigh; Ghlac i ’làmh ’s thuirt briathran bròin. Le h-osnaich bho ghrunnd a cléibh, Chìte ’bràighe ’g éirigh dlùth, Airteal ’s na mailthean a’ snàmh, ’S na deòir lan air chrith ’s an t-sùil. ’S olc, a rùin, gun d’ fhaicill géur: Bheir àrd-mhisneach d’ éug romh ’n àm, Gabh truas ri d’ aon-mhnaoi, a ghaoil, ’S ri d’ mhaotharan caointeach, fann! Is dìlleachdan esan gun taic, Is banntrach mis’ an astail fhuair; ’S dall oidhche bhròin i bho ’n là ’Theid thusa, ’laoich àigh ’s an uaigh. Comhrag aonfhir ’fhad ’s bu bheus, Cha diongadh a’ Ghréig ort buaidh: Nis thig am mòr-fheachd a bhéum, ’S torchrar mo dheagh-threun le ’n cruaidh Mu ’m faic mi sealladh a’ chràidh, Leagar mo chreubh tràth fo ’n fhòid; ’S crìonadh as bho thùs gu déis Aimsir ghèarr mo ré ’am bròn. Gun athair, gun mhàthair chaoin, A lughdaicheadh fàth mo dheur; Bhrisd an t-Aicheall ar stuadh àrd, ’S chuir tein’ i na ’smàl ’s an speur. Thuit m’ athair le sonn nan ruag, Ach ghabh e fhéin truas de ’n mharbh; Oir loisg e ’n corp air a’ bhlàr, ’S éideadh àluinn nan sàr dhealbh. Dh ’ adhlaic e ’n luath ’s an fheart mhòr; ’S chàirich teaghlach Iobh nan nial, Rìbhinnean-sìth nam beann àrd, Dosraich gheug mu ’n fhàl g’a dhion, Mo mhathair o ghléidh fo smachd, Hippoplac’ nan glac ’s nan craobh; Sguab e leis anns an luing luaith, Gu raon Thròidh thair chuan le ’mhaoin. Dh’ fhuasgladh a’ bhan-righ fa-dheoidh; Air cheannach òir dh’ fhalbh i saor; Chnàmh mulad ise na ’cùirt fhein, ’S gaithean Phæbe nan ruinn caol. Ach ’s athair thus air mo sgàth, ’S màthair thu ’s is bràthair caoin, Ath-chasgair iad sid gu léir An uair is éug dhuts’, a ghaoil! Cùram fir ’us athar thlàth Gabh de d’ mhnaoi ’s de d’ phàisdein bròin. O! na fàg esan gun stuaidh, ’S mis’ am bhanntraich thruaigh gun treòir. Seall-tu ’m biùbhaidh garg a’ strìth Mu ’n chraoibh-fhìgis faisg do ’n Tròidh. Fan-s’ aig an tùr ud ri gléus, ’S cùm na ’n draip a’ Ghréig ’s a slòigh, So ionad ’s am breòite ’n stuadh; Trì uairean le ionnsaidh ghairbh, Mhosgail Ajax ’s an dà rìgh, ’S Idomen nach min ’am feirg. Diomed uaibhreach nan garg-bheairt, ’S fior ghaisgeach nam feachd fo ’n iùl; Mhaom trì uairean le ’n làn neart, ’S shaoil iad gu ’n ghrad-ghlacte ’n dùn: Co dhiubh ’s gaisg’ a ghluais an gniomh No sanais nan dia bith-bhuan: Ach gleachdadh càch far am miann, Bì-sa ’so ’s thoir dion do d’ shluagh. Thuirt Hector bu mhòrach gnùis, ’S leamsa ’chùram sin gu léir; Iomlaid g’an éirich bho ’n chùis Chì mise ’s bheir iùl ga réir. Ciod a labhradh gaisgich Thròidh, ’S òighean nan sròl sguabach slìom, Na ’m faicteadh meath air mo threòir, Stad-feachd orm mar dheòiridh tìm! Tha m’ aigneadh air ghoil gu gleus, ’S nòs leam éuchd air bhéul mo shluaigh; B’ àrd m’ athair an cliù nan arm, Cha mhill mis’ an t-ainm ri m’ luath. Ach thig oirnn an dàn gu ’n bhréig, ’S goirt mo chrìdh’ ’s mo bheul ga luaidh, Aomaidh Tròidh mhorachd gu làr, ’S crìon-sheargaidh a h-àgh ’s a h-uaill. Ge géur an taisbein so, mo leòn, Neart mo shlòigh ga ’n sgrios le h-àr, Bàs mo mhàthar, m’ athar gaoil, ’S a chiabh aosd’ am fuil a’ snàmh. Mo bhràithrean sìnte air an tràigh, A’ plosgail fo spàirn an éig; ’S géire na sid uil’ mo chradh, Thus’, a ghràidh, ’s gach pràmh ’tha ’d dhéigh. D’ fhaicinn gu bochd, tùrsach, fann, Air bhall-chrith fo ’n t-slabhraidh chruaidh; Ga d’ bhuin leo mar thràill do ’n Ghréig, A dhealbh sgéul air eideadh nuadh. Fo smachd nam Buadhach gun bhàigh, ’S tu ’g iomchar làn-chuinneag trom: Their iadsan ’s tusa ga d’ chnàmh, Feuch, bean Hectoir àigh nan glonn! Brisdidh do chridhe na ’bhruan, ’S beòil gun chaomh a’ luaidh lir m’ ainm. Nàire ’dùsgadh mhìle bròn, Do smaoin air a’ ghlòir a dh’ fhalbh. O, gu ’n robh mise ’s an uaigh, ’S a’ chadal bhith-bhuan nach dùisg, Am chreadhaidh fhuair seach mu ’n cluinn Osnaich ghoirt no caoidh mo rùin! Thuirt flath nan arm faobhar-nochd, ’S thairg le sòlas a dhà ghlaic Iathadh mu gheal-chneas a mhic: Shnaoidh an leanban le àrd-sgairt. ’S dhlùthaich ri uchd earradh shròil Na mnà-altruim bu chòrr snuagh Air chrith romh ghnùis ’athar àigh, ’S romh ’n loinntreadh a dhearrs bho ’chruaidh, ’S romh ’n tiugh-bharr bhabagach ghlas, Ga ’chrathadh mu bheairt nan dos: Ghàir a’ chàraid gu fior ait, Mu ’n nì bu cheann-fàth do ’n chleas. ’N sin thug laoch mìlidh nan glonn, An t-ùr éideadh bhàrr a chinn, ’S leag gu socrach am ball trom, A’ boillsgeadh thair làr an fhuinn. Rìsd ’n uair ’phòg e ’mhicein gràidh, ’S a thog ’na dha làimh le cuairt, Dh’ aslaich e mòr-righ nan nial, ’S uil’ aitim nan dia bith-bhuan. Thus’ a shoillsich tolg nan speur ’S a mhaithean nach éug gu bràch, Saoraibh mo mhac bho gach béud, ’S treòirichibh a cheum gu h-àgh. Coisneadh e mo chliùth-s’ air chòir, A’ dìdinn a shlòigh a’s righ, ’S aithn’gheadh a Bhiùbhaidh ’s gach béum, Hector èuchdach na h-ath-linn. Air tilleadh bho strìth nam buadh, Ag giùlan faoibh ruaidh an àir, Eubhadh Tròidhich le h-aon-ghaoir “Thug on laoch s’ air ’athair barr!” Crìdh’ a mhàthar thair gach té, Le h-éibhneas a’ léum na ’cliabh, ’S alla cian-sgaoileadh gach beòil, A’ sìor-aithris sgeòil a ghnìomh. An sin le dùr-bheachd a ghaoil. Dh’ aisig e’ m Beag maoth g’ a rùn; Chuir is’ a bheul ri geal-chìch, Air uchd spìsridh nan séud ùr. Bhreug i ’n sin e gu clos-thàmh, S sheall le gàir air a ghlan-ghnuis, Ach chlaon fiamh a gean gu neòil, ’S thuit na deòir bho ’meall-shuil chiùin. Mhaothaich na chom cridh’ an tréin; Ghlac e léug nam beus air làimh; Shiab e ’n leann-driùchdach bho gruaidh, ’S leag e ’smuairein le cainnt thlàth: ’Ulaidh m’ anma thair gach mnaoi, Com’ na chaochail bròn do shnuagh; Arm biùbhaidh cha diong mo bhàs, Romh ’n cheart là s’ an dàn domh ’n uaigh. Cha d’ fhuair bith gun ’fhàgail fhéin, Neach fo ’n ghréin cha shnaoidh an t-àm, ’S dual do ’n éug an treun ’s am fann. Tìll-sa nis, a ghaoil gu d’ ghnìomh, Stiùir le h-iùl an sniomh ’s a’ bheairt, Dhomhsa ’s còir ’bhi ’triall gu m’ chliu: ’S àite milidh tus nan gleachd. Labhair e ’s ghrad-chuir mu ’cheann Eideadh dosach nam bab fionn: Thill ise gu déurach, trom, Bho chomhradh mil-bhlast an t-suinn. Suil thair ghualainn air gach ceum, ’Fhad ’s bu léir dh’ i gu luchairt fhéin, Leig i ’n t-srian leis a’ gheur bhròn. Chual am Bannal reachd a cléibh, Thog iad gu léir an éigh thruagh, A’ tursa mu ’n bheò cho goirt, ’S ged dh’ adhlaict’ a chorp ’s an uaigh. ELIAH. Ach faiceamaid cia mar shoirbhich leis an ard-ghaisgeach Eliah, agus e ’seasamh leis fein air sliabh Chairmeil am measg a’ choimhthionail mhoir a chruinnich aig iarrtus an uachdarain gus an ionad sin. Is e maduinn an latha ’tha fathast ann. Cha ’n eil freagradh a’ tighinn bho neach air bith do na cheist a chuir Eliah riu. Tha samchair eagallach air feadh faidhean Bhaail agus an t-sluaigh a bha gu h-amaideach a’ leantuinn an riaghailtean stiuiraidh. Ma dh’ fhaoidte gu bheil an curantachd ’s an dalmachd a’ treigsinn nam faidhean cealgach a tha ’sealbhachadh aite ’s meas ’us cumhachd nam faidhean d’ am b’ abhaist teagasgan an spioraid naoimh aithris. Feumaidh iad, co dhiu bhitheas iad togarrach ’us deonach, oidheirp dhana ’dheanadh a chum ainm ’us buaidhean an De fhaoin sin d’ an robh iad a’ sleuchadh ’s ag iobradh gu moch ’us gu h-anmoch, a dhion ’s a thearnadh. Bha iad tosdach an deigh do Eliah an t-achmhasan geur a labhairt. Cha do roghnuich faidh aonarannach an Tighearna, e fein ’s a’ chuis a reiteachadh. Tha ’n sluagh a’ comh-aontaicheadh gu toileach leis an ni ’tha e ’g iarraidh a dheanamh, a chum gu faic luchd-aiteachaidh na tire, ’s gu cluinn a bhan-righ Iesebel nighean Ethbaail righ nan Giodeonach, co ’bhuaidhich anns an stri, co e ’n Tighearna a’s Dia ann, agus uime sin, co d’ an coir do ’n t-sluagh gu leir umhlachd ’us aoradh a thabhairt. Air an dara taobh, chitear armailt Bhaail,—ceithir cheud agus leth cheud faidh,—air am brosnachadh ’s air am misneachadh, oir tha daoine saoibhir ’us cumhachdach na tire ’n an cairdean doibh. Air an taobh eile, chitear an sar-ghaisgeach foghainteach, Eliah, faidh an De bheò; tha e seasamh leis fein. Na aonar tha e air a chuartachadh le miltean aig nach eil baigh ris, gidheadh, eadhon anns an t-suidheachadh dheuchainneach so, cha ’n eil a chridhe fann ’us cha ’n eil a ghaisge faoin. Tha ’n Tighearna, Dia nam feart aige ’na fhear cuideachaidh, ’us cha ’n eil aobhar aige ’bhi gealltach no sgathach. Is foinnidh meamnach da rireadh tha ’n laoch dileas a’ cumail suas ard onoir an De mhoir. Dheas- [TD 23] [Vol. 6. No. 3. p. 7] uich cuideachd Bhaail an altair agus chuir iad feoil a bheathaich an ordugh oirre. O mhoch-thrath an là iomraiteach, ainmeil so, gu àm na h-iobairt fheasgair, cha ’n eil an dia faoin d ’an robh na Fiodonaich ag iobradh, a tabhairt geill no eisdeachd do na faidhean amaideach. Tha toirm us fuaim an glaodhaich a’ dusgadh mhic-talla ann an creagan Chairmeil, agus a’ bàsachadh anns an astar. Le lannan geura ’s le claidhmhnean sgaiteach, tha iad g’ an gearradh féin. Tha ’n sgeadachadh dearg leis an fhuil a tha ’taomadh as na creuchdan. Ach cha ’n eil stath, no feum, no tabhachd, no eifeachd an aon ni ’tha iad a’ deanamh. Bithidh iad cheana eagalach agus amharusach gu teid an latha gu buileach ’n an aghaidh, gu fannuich iad anns a’ chomhstri, ’s gu tionndaidh ’n an aghaidh le fearg mòr, an sluagh d’ an robh iad ’n an aoidhearan ’s ’n an cinn-iuil co dall, co dalma ’s co mearachdach. Chleachd iad cuilbheartinn leachdach,—ma ’s fior beul-aithris geill a thabhairt dhi—a chum gu loisgeadh iad an fheoil air an altair. Chuir iad duine an taobh a stigh de ’n altair, a chum gu beothuicheadh e an teine; ach mharbhadh e mun d’ rinn e an ni bha ’n earbsa ris. Ma dh’ fhaoidte nach eil buannachd air bith ann a bhi ’tabhairt geill no eisdeachd do sheanachas de ’n t-seorsa so; gidheadh, tha e nochdadh ciod e ’m meas a bha na ginealaich a thainig ’n an deigh a’ cur air faidhean Bhaail a thruaill tir Israeil le ’n iodhal-aoraidh tamailteach agus le ’n doireachan uaine. Tha cinnt gu leoir aig Eliah an Tishbitheach, ciamar theid an gnothuch cudthromach so ’shocrachadh. Cha ’n eil e ann an aineolas air bith gur e ’n Tighearna a’s Dia ann. Gidheadh, tha e ’gnathachadh meadhonan a chum gu faic treubhan Israeil—a chul-shleamhnuich agus a thuislich o reachdan an Ti a’s ro-airde—air mhodh nach gabh aicheadh no cur air chul: gur ann an slighean mearachdach, mealltach a tha iad fein gu siubhlach ag imeachd. Tha ’n cridhe nadurra peacach easgaidh a thabhairt eisdeachd de bheachdan a tha comh-chordadh ris na faireachduinnean aige fein. Ach is mall ’s is mairnealach a dh’ aomas an cridhe ri nithean a chronuicheas a mhi-bheusan us aingidheachd fein. CONA. Mu ’n Fhearann. ’Se tairbeart—amhach fhearainn eadar dà mhòr-roinn, no eadar dà uisge; mar a ta tairbeart Shùeis, (eadar Africa ’s an Aisia); tairbeart Phanama (eadar dà Ameirica), &c.—’S e eilean, no innis, no ì, fearann tur-chuairtichte le h-uisge; mar a ta Madagascar, Eigh-innis, Breatuinn, Eirinn, &c.—’S e doirlinn mìr fearainn nach mòr nach eil ’na eilean; mar a ta Lochluinn, an Eadailt, a’ Ghréig, &c. ’S e srath, cònard glinne. ’S e gleann, fosgladh eadar aonaichean. ’S e làr no ùrlar glinne a shrath. ’S iad a shliosan, taoibh nan sliabh a ta ’togail o ’n t-srath. ’S e sliabh, aonach ìseal leathann. ’S e beinn, monadh àrd. ’S e cruach, meall cruinn air leth. ’S e sgùrr, monadh biorach cas ag éiridh air leth, no cnap binneineach corrach air druim no uchd monaidh eile. ’S e bealach—béum, bearradh sgor no eag ann am monadh. ’S e làirig bealach no slighe eadar dà mhona. ’S e cadha bealach cumhang ri slios no ri bun monaidh. ’S e stùc bruchd atmhor air uchd monaidh, agus á h-aodunn aillteach, cas. ’S e guala, oisin no uilionn monaidh. ’S e srôn, rugha no àird a’ ruith o mhonadh gu srath. ’S e giùirne, foinne no cnap cairgneach air mullach, no air taobh monaidh. ’S e fàireamh iomall no faobhar monaidh mar chìtear e eadar an t-sùil agus an spéur. ’S e coire, fosgladh cruinn leth-lòpanach ann an uchd monaidh. ’S e aillte, creag àrd chorrach chas. ’S e fasadh, cònard fo mhulc fearainn ’s e ’dol ’na rugha mach ’s an uisge. ’S e bàrr, no bràighe, a’ chuid a’s àirde de dhùthaich; agus bun no iochnar a’ chuid a’s isle dhith. ’S e lôm—àite neo-fhasgadhach cònard. ’S e innis, cònard fasgadhach rith fo dhìon coille. Mìnich féin druim, fireach, mullach, cìrean, glac, feadan, fraigh, réithlean, ruighe, creachunn, doire, coille, frìth, lòn, fàsach, &., learg, leitir, lurga, goirtean, aonach, uchdach, tom. Briathra Cairdeil. Cha mhor a’ chosdas briathra cairdeil. Cha ghabh e uine fhada chum an labhairt. Cha tog iad leus aon chuid air an teangaidh, no air na bilibh, air an turas a stigh do ’n t-saoghal, ni mo an dean iad dochunn sam bith do ’n chorp no do ’n anam. Tha daoine glice ag innseadh dhuinn gu ’m bheil na briathra feargach a ghnathaicheas duine ’n a dhian-chorruich mar chonnadh do lasair na feirge, leis an loisgear ni ’s seirbhe agus ni ’s seirbhe e. Ach, air an lamh eile, bheir briathra tla agus caoimhneil a mach toradh cairdeis agus sithe a reir an gne. Meudaichear caoimhneas le briathraibh caoimhneil, agus sin gu h-ealamh cinnteach. Ni briathra caoimhneil iadsan caoimhneil a dh’ eisdeas riu, gun fhios gun aire dhoibh fein. Marbhaidh briathra fuara muinntir eile le fuachd; losgaidh briathra teth iad, le teas; lotaidh briathra geur iad le lotaibh; nithear garg iad le briathraibh searbh; agus feargach le briathraibh corruich; ach dealbhaidh briathra caoimhneil an iomhaigh fein air anam an duine, agus is maiseach, aluinn, oirdheirc, an iomhaigh e! S. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear tagraidh. Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 24] [Vol. 6. No. 3. p. 8] An Seillean Agus a’ Chuileag. LE NIALL MAC LEOID. Air maduinn chiùin ’s a chéitein thlàth, Gach doire ’s crann ’us gleann fodh bhlàth, Bha ’n smeòrach agus eòin nan spéur Le ’n luinneig bhinn ac’ air gach géig; Na laoigh ’s na h-uain a’ leum le fonn, A’ ruagail mu gach preas ’us tom; ’Us braon de ’n driùchd air bhàrr gach feòirn’ A’ dealradh air an cinn mar òr. Bha cuileag sgiathach fhaoin gun chéill ’G a cluiche fhéin ri blàths na gréin’; I ’null ’s a nall, i ’sios ’us suas, Gun dragh, gun chùram, ’us gun ghruaim. Bha seillean stiallach, ciallach, còir A’ falbh a chothachadh a lòin, Ghlaodh a chuileag “ciod e ’n sgeula?” ’S labhair iad mar so ri chéile— A’ CHUILEAG. “Nach ann ort tha ’n drip an còmhnuidh? Fuirich tiota leam ag còmhradh: Ciod an tairbh’ ’tha dhut ’s a t-saoghal. Ga do mharbhadh fhéin le saothair? Bho mhoch gu dubh, bho bheinn gu tràigh, Cha ’n fhàg thu lus no sòbhrach bhàn, Cha ’n fhàg thu cluaran, dris no ròs Nach toir thu greiseag air an deoth’l. Seall thu mis’ an so cho éibhinn, ’Danns’ an gathan caoin na gréine; ’S cha ’n ’eil mi uair no tràth gun lòn, Ged nach ’eil mil agam an stòr; Ma thig am fuachd, ’s an geamhradh gann, Cha dean mi ullachadh roimh ’n àm— Thigeadh uair ’us àm na h-éiginn, Cha ghabh mi dragh dheth gus an fheudar.” AN SEILLEAN. “A chreutair aimidich gun ghò, Gur beag ’tha ’ghliocas an do ghlòir; Ged ’tha thu ’n diugh ’s do chupan làn. Cha mhair an saibhreas sin ach geàrr; Thig doinionn shearbh ’us geamhradh garbh A bheir do shòlasan air falbh; Cha ’n fhaigh thu blàths air feadh nan gleann, Cha tog a’ ghriann ach fann a ceann. Gach ròs ’tha ’sgeadachadh nam bruach Bheir reòdhtachd fhuar air falbh an gruag; Cha chluinn thu smeòrach air gach géig, Cha ’n fhaic thu uain a’ ruith ’s a’ leum; Bidh mis’ an sin gu seasgair blàth, ’S a’ bhothan bheag a dhealbh mo làmh; Cha bhi mi ’n taing aon neach fo ’n ghréin, A’ sealbhachadh mo shaoithreach fhéin. Bidh tus’ an sin na d’ dheòiridh truagh, A’ dol mu ’n cuairt gun dreach gun tuar, ’S tu leis a’ ghort a’ faotainn bhàis, An tuill ’s an uinneagan an sàs: Thu air an déiric anns gach àit’, Gun mhath dhut fhéin, gun tlachd do chàch; Sin an dòigh a chleachd do shìnnsir, ’S dòigh nach dean an sliochd a dhìobradh.” A’ CHUILEAG. “Bu tric do shaothair fhéin gun bhuaidh, Ged ’tha thu ’n diugh a’ deanamh uaill, Am bothan beag a dhealbh do làmh, ’S e air a leagadh sios gu làr; A’ mhil, a choisinn thu gu cruaidh, A’ falbh a’ dranndan mu gach bruaich, Aig càch a’ stigh gu h-ait ’g a h-òl, ’Us tusa ’muigh gun taigh, gun lòn Ach ’s lionmhor iad ’tha dheth do sheòrs’, ’Tha ’deanamh uaill á meud an stòir; Bho ’n saothair ghoirt chà ghabh iad tàmh, Ag càrnadh suas gun fhios có dha; Bu tric do shìnnsir fhéin ri fuaim, An cuid ’s an ionmhas ’g a thoirt uath’; Ri rùsgadh ghath ’s a tarruinn lann, ’S an tigh ’g a leagadh sios mu’n ceann. Ach mheas mi fhéin—’s e sin mo ghnàths— Na ’m faighinn idir cosg an tràth, Gu ’m b’fheàrr dhomh subhachas ’us ceòl An ùine bheag a bhios mi beò; No ged a gheibhinn saibhlean làn, Gun fhois gun sìochaint air an sgàth, Oir ’s e mo dhòchas ’us mo chréud Gu ’m faigh gach latha lòn da fhein.” AN SEILLEAN. “Ah! ’s duilich leam nach tus’ a h-aon ’Tha beathachadh air plaosgan faoin, ’Tha gabhail fasgaidh fodh gach sgleò, Le beatha dhiomhanaich mar cheò; An ùin’ a’ ruith gun mhath gun fheum, Cha ’n fhàg iad cliù no ainm ’n an déigh, ’S cha d’ thug iad géill do ’n duine ghlic A dhearbh nach deanar gniomh fodh ’n lic. Tha mise mar a bha thu ’g ràdh, Bho mhoch gu dubh, bho bheinn gu tràigh; Ach ’s iomadh ròs a ni mi ’dheoth’l Bho ’m bheil a’ mhil an déigh a h-òl; Gidheadh cha ’n fhàs mo mhisneach fann A’ saothrachadh bho àm gu àm, Oir chreid mi riamh—’s i sin an fhìrinn— ‘Gu ’n tig toradh math á dìchioll.’ Cha robh mi riamh na m’ thróm air càch, Cha mhò a bhraid uo ghoid mo làmh, ’S cha bhi mo lòn ri m’ bheò an éis, Ma dh’ fhàgar agam mo chuid fhéin; Ach ma thig nàmhaid orm gu teann, Ma spùinneas e mi fhéin ’s mo chlann, Cha d’ chuir o còmhdach riamh mu ’cheann, Am fear nach tàrrninn ris mo lann. ’Us beag no mòr g’ am bi ar neart, Ma ni sinn leis an ni ’tha ceart; Ar buadhan biodh iad lag no treun, Ma chuireas sinn iad sin gu feum— Cha tuig thu mar a dh’ fhàsas càrn, Le clach a thilgeadh ann an ghnàth, ’S e braonaibh faoin’ a lion an cuan, Is duslach mìn gach beann mu ’n cuairt. Dùisg suas, ma ta, ’us tog ort greann, Bi saothreach fhad ’s a gheibh thu ’n t-àm, Tha samhradh caomh a’ falbh ’n a dheann, Tha ’n geamhradh gnù a’ tarruinn teann, Ma mheallar thu an so le bréig, Bi cinnteach ’n uair a thig an t-éug, Gu ’m bi do chliù ’s do dhuais d’ a réir Bho ’n Ti ’thug beatha do gach cré.” Thug iad greis mar sin air còmhradh, Ged nach robh iad tric ag còrdadh, ’Us mar a thachair dhuinn gu léir, Bha iad car dian ’n am barail fhéin; Ach le dùrachd gheanail spéiseil Ghabh iad latha math de chéile, Dh’ fhalbh an seillean còir ’us srann aig’, ’S theann a’ chuileag fhaoin ri dannsa. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. —agus— 127 State St, Boston, Mass. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. [TD 25] [Vol. 6. No. 4. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 23 IULAIDH, 1897. No. 4. Litir a Ontario. Cha’n eil moran agam ri radh air an turas so, ach air son ainm gun bhi leisg a chumail suas, cuiridh mi beagan shreithean ugad. Bha an t-side fuathasach teth againn an so o chionn tri seachdainnean; bha ’n thermometer a dìreadh cho àrd ri 100° anns an duthar. Ach thainig frasan uisge, agus tha e na’s fionnaire aig an àm so. Tha na tuathanaich a nise gu trang ris an fhiar, bàrr a tha anabarrach math air an t-samhradh so. Cha robh urad feòir anns an àite so o chionn bhliadhnaichean ’sa tha ann am bliadhna. Tha ’n criothnachd mar an ceudna gle mhath; cha ’n fhiosrach mi air fhaicinn cho math o’n is cuimhneach leam. Mur tig meirg no gaiseadh sam bith eile na rathad, theid e eadar 35 us 40 baiseal an t-acaire. Tha am bàrr uile gu leir gle mhath a reir coltais. Tha margadh math air spréidh ’s air mucan, agus tha timeanan ag amharc suas, agus gu cinnteach tha feum air [?] anns an àite so cho math ri àiteachan eile. Tha moran de mhuinntir ann a tha fad air ais a thaobh nithean an t-saoghail so, agus air an laimh eile tha moran ann aig am bheil moran de stòras an t-saoghail so nach eil a gabhail ach gle bheag de thoil-inntiun, agus ’nuair a chuirear iad féin ’s an duine bochd taobh ri taobh cha’n eil eadar-dhealachadh sam bith eatorra o’n taobh a mach, agus ’sann aig a Chruithidhear fhéin a tha fhios mu’n taobh a stigh. Tha gach latha-féille air dol seachad. Bha luchd nan còtaichean buidhe (na h-Orangemen) a mach mar a b’ àbhaist air an dara latha deug dhe’n mhios so. Bha Iubili na Ban-Righ’nn air a chumail gu h-òrdail. Bha an Comunn Gàidhealach a mach anns a’ bhaile so air feasgar an latha sin, agus Eachunn Mor Domhnullach a’ seinn na pioba dhaibh. Le ’phearsa bhriagha fhéin agus le ceol binn na pioba, thogadh e fonn air cridhe Gàidheil ged a bhiodh e gu tuiteam sios. Bha ’bhuaidh sin air a’ phiob-mhòir riamh. Tha moran Ghàidheal againn ann an so; dh’ fhaodadh coig ceud MAC-TALLA bhi air a leughadh ann an coimhearsnachd Phriceville gach seachdain, ’nan deanadh iad uile ’n dleaasanas. Tha Dùghall Mac Gilleain a’ smaoineachadh nach eil paipear ann cho math ri MAC-TALLA, agus tha e gle dhuilich nach urrainn da a lamh ùisneachadh e reir a chinn, oir tha ceann mor an duine ghlic air agus gu leòr ann. Tha moran a pòsadh ann an so air an t-samhradh so; tha mar an ceudna moran a’ caochladh, agus tha àireamh nach beag a’ tigh’nn a stigh do’n t-saoghal a ghabhail an àite. Tha mi fada ’nur comain, fhir-dheasachaidh air son na taing a thug sibh dhomh anns a’ phaipear o chionn ghoirid, agus tha mi ’n dòchas gu’n teid leibh féin ’s le MAC-TALLA gu math. Tha ’n t-àm agam sgur an dràsda, ach cluinnidh, sibh uam an ùine ghoirid a rithist ma bhios mi gu math. Slàn leibh aig an àm so. Is mi ur caraid, IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Ont, 19, 7, ’97 Sean-Fhacail. An truir d’am bheil e ceadaichte ’bhi acrach—aoireannach croinn, buachaile tuim, agus ban-altrum cuim. An t-uisge tha ’sa bhraighe, bidh cuid dheth ’s an Inbhir. An uair a bhios ceo air Cruachan cha bhi pathadh air Urchaidh, An uair a bhios h-uile duin’ air muin a bhodaich, bithidh a chailleach fhein air muin a bhodaich. An uair is e ròn a’s cu ’san ruaig, cha teid geàrr a chuain as. An uair nach toir thu lan do dhùirn á cuagan, bheir thu lan do mheòir as. Aon eun aig a chorr ’s e gu doitheanech doirbh; da eun deug aig an dreollan, ’s iad gu soitheamh soirbh. Apran ùr air beulthaobh Nèill. Beannachd leis an ni a dh’ fhalbhas—cha ’n e a dh’ fhoghnas. B’ fhearr a chreach a bhi ’s an tir na la Fhéill-Bride ’bhi math. Bha mis’ air banais ceàird roimhe so. Bhris iad an cnaimh ach cha d’ fhuair iad cothrom an smior a dheothal. Tha paipeir-naigheachd anns a’ Ghearmailt, am Magdeburg Gazette, a tha da cheud gu leth bliadhna dh’ aois, agus buinidh e fhathast do shliochd an duine chuir a mach an toiseach e. ’S gann gu bheil a leithid eile air an t-saoghal. Fhuair sinn litir ghasda bho ar deagh charaid, “C C.” Bha i beagan anmoch air son na h-àireimh so, ach gheibhear i air an t-seachdain s’a tighinn. Litir Ghoirid. A CHARAID:—Cha robh mi idir an dùil gu’m bitheadh tu cho fada gun do chuid airgeid. ’S fior thoigh leam do phaipear, agus tha mo Ghàilig a’ dol na’s fhearr a h-uile latha. Cha’n eil duin’ agam a chuidicheas mi, ach direach mar a theid agam fhin air. Is toigh leam a’ Ghàilig, agus tha pròis orm air son mo shinnsir. Tha mi creidsinn gur h-iad na Gaidheil salann na talmhainn. Tha thusa ’deanamh obair mhòr agus tha mi ’n dòchas gu faigh thù do dhuais. Tha mi toilichte fhaicinn gu bheil MAC-TALLA a’ fàs agus a’ sior dhol na’s fhearr. Gu ma fada beò e; cha’n eagal dha ma bhios na Gàidheil dìleas dha. A’ guidhe soirbheachadh leat, is mi do charaid dileas, R. I. G. Cha ’n eil dleasanas a tha sinn a’ dearmad nach eil a falach uainn firinn air ’m bu choir dhuinn a bhi fiosrach. An ni sin nach urrainn thu a leasachadh, annad fhéin no am muinntir eile, ’s còir dhuit a ghiulan gu foighidneach gus an òrduich am freasdal atharrachadh. Tha coltas briagha air gach seòrsa barra anns na h-Innsean air a bhliadhna so. Ma bhios e cho math ’sa tha e gealltuinn, cha’n eagal gu’m bi gorta ann air an ath bhliadhna. Bha aon de na réiseamaidean Gàidhealach ann an Inbhirnis o chionn ghoirid a feuchainn ri daoine fhaotainn gu gabhail ’san arm. Bha an cuid oifigeach gu saoithreach fad an latha, ach cha d’fhuair iad ach aon duine a ghabhadh “tasdan na Banrigh’nn.” A reir coltaìs cha’n eil thachd sam bith aig Gàidheil an latha ’n diugh ’san arm, agus, gu dearbh, ’s beag an t-ioghnadh; b’ olc an duais a fhuair an athraichean air son gach cath a chuir iad as leth Bhreatuinn ’san àm a dh’fhalbh. ’S caochlaideach an t-àite ’n saoghal. Ann an tigh-òsda suarach am Paris, chaochail air an t-seachdain s’a chaidh bean-uasal a bha aon uair air aon de na boirionnaich bu mhaisaiche ’s bu mheasaile bha ’n cùirt na Spàinne. Bu phiuthar màthar i do righ òg na dùthcha sin, ach le i phòsadh fir nach robh cho uasal rithe fhéin chuir a càirdean cùl rithe, agus ’nuair a chaochail esan deich bliadhna air ais, bha i air a fàgail ’na bantraich bhochd gun sgillinn ris an t-saoghal aice. Chum i i-fhéin beò air doigh eigin uaithe sin, agus chriochnaich i a laithean ann an aon de na h-àitean a’s bochda tha ’m Paris. [TD 26] [Vol. 6. No. 4. p. 2] NA H-AOIREAN. (Air a leantuinn.) Tha mi ’g aideachadh, ma ta, gu bheil an aoir ’n a modh-teagaisg a tha dligheach ’n a h-aite fein, agus a tha, gun amhurus, an uair a tha i air a h-uisneachadh mar is còir dh’ i, fior chumhachdach. O’n a tha cunntas air Litreachas agus air Bardachd againn bha an aoir air a cleachdadh airson teagaisg sluaigh. Ach is ann o na seann Romanaich a fhuair na pobuill a tha nis a lathair na beachdan a tha aca mu thimchioll na gnè bhardachd so. Bha dà bhard Romanach gu sonruichte ghnathaich an aoir airson teagaisg, agus a ghnathaich i air atharrach doigh. Bho ’n latha-san tha dà sheorsa aoir cumanta ’n ar measg. Tha an dara aon a’ sgiursadh uilc: tha an aon eile a’ smadadh faoineis. Ach is e an aon chrioch a tha aca. Firinn ann an cainnt, gloine ann an smuain, ceartas ann an gniomh, agus maise ann an giulan, is e so crioch gach teagaisg, agus crioch gach aoir is airidh air an ainm mar mhodh-teagaisg. Tha an dara seorsa ag amharc air cionta, air foirneart, agus air ain-tighearnas, gu sonruichte ann an ionadaibh arda an t-saoghail; tha am bard a’ lasadh an aghaidh an uilc, tha cleachdadh a bhuaidhean uile a chum corruich ’us fearg an t-sluaigh a dhusgadh an aghaidh an uilc agus luchd-deanaimh an uilc, cia b’e co iad. ’S e a run an t-olc agus, ma’s eigin e, na ciontaich a sgrios bharr aghaidh na talmhainn. Tha an t-aon eile ag amharc air beachdan, cleachduinean, ’us fasain a tha cumanta ’na latha fein, nach urrainnear a radh gu bheil iad olc, no gu bheil iadsan a tha ’g an leantuinn ciontach no peacach, ach faoin suarach, mi-cheutach. Chi am bard nach e fearg no corruich no fuil a chuireas as d’an leithidean so; ach spìd, tamailt, fanoid. Ach cha ’n ’eil an so ach dà dhoigh a chuairteachadh an aon rùin; dà chungaidh a leigheas dà ghnè tinneis. Feumaidh an lighiche air uairean ball de’n chorp a ghearradh air falbh a chum beatha an duine a shabhaladh. Air uairean eile ni ceirean suarach an gnothuch. Ach leis an dara doigh cho maith ris an doigh eile is e a run slainte aiseag do’n neach a tha euslan. Air a cheart doigh ma chi am bard a tha gabhail air a bhi leigheas corp an t-sluaigh gu bheil galar basmhor air an siubhal, is e a dhleasdanas cungaidh laidir a chleachdadh; ma’s e a bheachd nach ’eil ann ach fòtus faoin a fhuair greim am barr a chraicionn, cha ’n ’eil e dligheach dh’a ach cungaidh lag uisneachadh. Tha e cho fior mu chaithe-beatha an t-sluaigh agus a tha e mu chorp an duine gur ann le cungaidhean cunnartach a leigheasear galair chunnartach. Cha ruigear leas an aoir a chur ann an rann, ged is ann a mhain an uair a tha i ’n a rann no ’n a h-oran a their sinn aoir rithe anns a’ Ghaidhealtachd. Na’m biodh feum a dhearbhadh gu bheil e ceart do neach air uair ’s am bith dol a mhagadh no smàdadh neach eile no dol a thoirt masladh no tamailt do shluagh a chum am pilleadh gu slighe na còrach, bhiodh e farasda gu leoir eisempleirean fhaotainn anns an sgriobtur air a’ chuis. Cha ’n aithne dhomh aite anns am faighear fearg ’us corruich, tamailt, ’us masladh air a thaomadh a mach air uachdarain agus air sluaigh a chum am pilleadh gu slighe na còrach agus an dleasdanais na’s trice agus na’s cumhachdaiche na anns na “Faidhean.” Agus cha ’n eil mi ro chinnteach gu’m faighear eisempleir air magadh no air fochaid ann an litreachas fo’n ghrein na’s fhearr na gheibhear anns a’ Bhiobull. Tha cuimhne agad an fhreagairt a thug Iob truagh, ann an searbhadas anma, air a thriuir chairdean a bha feuchainn, mar shaoil iadsan, ri ni-eigin de chomh-fhurtachd a thoirt dh’a: “Cha ’n ’eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse basaichidh gliocas.” Ach tha dà sgeul bheag gu sonruichte a bhitheas ann an cuimhne gach neach, anns a’ bheil fochaid air uisneachadh anns a’ Bhiobull. An uair a ghabh Eliah os laimh a dhearbhadh do shluagh ana-creideach gu’m b’e an tighearna Dia, ged bha e ’n a aonar an aghaidh ceithir-cheud-gu-leth de fhaidhean Bhaail, agus a dh’aontaich iad le cheile, e fein agus faidhean bhaail, an Dia a fhreagradh le teine, gu’m bitheadh esan ’n a Dhia, tha sinn a’ leughadh, an uair nach robh Baal a’ toirt freagradh d’a fhaidhean fein: “Agus an uair a bha e mu mheadhon là, rinn Eliah fanoid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd, oir is dia e; an dara cuid tha e beachd-smuaineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thurus, no theagamh gu’m bheil e ’na chodal, agus gu’m feumar a dhusgadh.” A ris tha sinn a’ leughadh mu’n fhaidhe Elisa; “Agus chaidh e suas as a sin gu Betel agus an uair a bha e a’ dol suas air an t-slighe, thainig clann bheag a mach as a’ bhaile, agus rinn iad fanoid air, agus thubhairt iad ris, gabh suas, fhir mhaoil, gabh suas, fhir mhaoil.” Tha againn anns an dà sgeul so cha ’n e mhain eisempleir air fanoid ach eisempleir air àm ’us àite anns an coir agus àm ’us àite anns nach coir fanoid a bhi air a chleachdadh. Tha e air a radh, ach fagaidh mi aig na ministeirean mineachadh na roinne, gu bheil “clann bheag” anns an earrainn so a’ ciallacadh gillean òga. Cha ’n ’eil mi a’ di-chuimhneachadh gu’m bu duine naomh Elisa. Ach is e an dealachadh gu sonruichte a bu mhiann leam a thoirt fanear gu’m b’e rùn Eliah a bhi pilleadh sluaigh gu firinn, agus gur ann air beachdan a bha air an dearbhadh feallsa a bha e deanamh fanoid. Bha e laghail, ma ta, an t-arm so a chleachdadh a chum inntinn an t-sluaigh a thoirt fo smachd. Ach b’e run na “cloinne bige” tamailt a dheanamh air seann duine airson gu’n robh a cheann maol, ni nach b’urrainn d’a leasachadh. Ma ’s e agus gu’m bu ghillean oga iad a bha airson tamailt a thoirt do’n fhaidh ’n a dhreuchd mar theachdaire o Dhia, bha an cionta gu mor air an-tromachadh; agus an uair a dh’amhairceas sinn air a’ pheanas throm a rinneadh orra cha ’n eil e eu-coltach nach ann mar so a bha ’chuis. Ach a dh’aon chuid dheth, bha iad a’ cleachdadh fanoid air dhoigh mhi-laghail, a bha toillteanach air peanas. Saoilidh mi bho eisempleir an sgriobtuir gu’m faodar a radh gu bheil e ceart an aoir uisneachadh mar mhodh-teasaisg an aghaidh uilc agus luchd-deanamh uilc, an aghaidh bharailean meallta, agus air taobh ceartais ’us firinn; ach ’nach ’eil e ceadaichte dol a dhusgadh fearg no tair sluaigh an aghaidh duine airson failinn no gaoid no uireasbhuidh, ’n a chorp no ’n a inntinn, nach urrainn e fein a leasachadh. Cha’n ’eil mi smuaineachadh gu’m biodh e freagarrach, agus cha’n e mo rùn, a bhi faotainn coire d’ar baird ged nach faighear iad an comhnuidh a’ leantuinn ro dhlù eisempleir a’ Bhiobuill. Faodar a bhi cinnteach gu bheil iad ceart an uair a leanas iad an eisempleir so; ach cha’n urrainn sinn a bhi cho chinnteach gu bheil iad cearr an uair nach lean. Ma mholas iad an ni no an neach a tha an sgriobtur a’ diteadh, no ma diteas iad an ni no an neach a tha an sgriobtur a’ moladh, tha na baird, agus cha’n e iadsan a mhain ach gach neach, a’ deanamh clì. Ach far nach ’eil am Biobull a’ toirt seachad teagasg soilleir air a’ chuis, agus saoilidh mi gu’n aidich gach neach gu bheil roinn d’ar caithe-beatha a tha air fhagail ann an tomhas mor fo riaghladh air coguis fein, cha’n ’eil mi meas gu’m biodh e freagarrach air aon chor gu’m bi thusa no mise a’ feuchainn ri bhi cur ar barail fein mar chuing air inntinnean dhaoine eile. Agus cha bu mhaith leam gu’m biodh aon againn a’ diultadh d’ar Baird Ghaidhealach na saorsa, ’n an steigh agus ’n an cainnt, a tha air a cheadachadh do na baird, gu sonruichte ’n an aoirean, ann an rioghachdan agus ann an canainean eile. Mhi-bhuilich na baird, gu tric, na buidhean luachmhor a bhuineadh dhoibh, agus cha’n ’eil teagamh agam nach do mheall iad, le’n aoirean, iomadh uair an sluagh a chuir earbsa asda airson teagasg fallain; ach air an laimh eile bha agus tha an teagasg agus an eisempleir, thar cheann, a chum maith an t-sluaigh. Ma dh’fhaodte nach do ghleidh na baird an comhnuidh air chuimhne gu bheil “àm gu bhi tosdach” ann cho maith ri “àm gu labhairt;” ach tha mi meas gur e is fearr do’n t-saoghal gu’n do labhair iad an uair a bu choir dhoibh a bhi tosdach na na’m biodh iad tosdach an uair a bu choir dhoibh labhairt. Tha aon ni gu sonruichte nach còir dhuinn a dhi-chuimhneachadh. Ma tha rùn a’ bhaird maith agus ma tha brigh a theagaisg fallain, is gann is urrainn dhuinn, saoilidh mi, tuillidh ’sa chòir de shaorsa a thoirt dh’a ann an cur a rùin an ceill. Is ann le aon mheidh a bu mhaith leam a bhi tomhas teagaisg na h-aoir, agus le meidh tur-dhealaichte a bu mhaith leam a bhi tomhas rann agus cainnt a’ bhaird. Tha e ceart gu [TD 27] [Vol. 6. No. 4. p. 3] leoir dhuit-sa agus dhomh-sa a bhi toirt breith air gnè theagaisg aoir no laoidh no searmoin ma’s e sin ar miann, agus faodaidh sinn gun naire ar barail a chur fa chomhair an t-saoghail, ma dhearbhas sinn gur fiach ar barail eisdeachd rithe. Feudaidh e bhi gur ann dhuit-sa is feaar a thig e dol a thoirt barail air na cuisibh so na do’n bhard fein. Feudaidh do bheachd mu thimchioll fior leas sluaigh a bhi na’s cothromaiche na beachd a’ bhaird; agus feudaidh t-eolas a bhi na’s farsuing agus na’s freagarraiche airson breith a thoirt air fallaineachd no mi-fhallaineachd teagaisg. Ach is dòcha, ma’s airidh am bard air an ainm, gur e a bharail-san is cothromaiche air co an rann agus a’ chainnt is freagarraiche airson a smuain fein a chur an ceill. Agus gu sonruichte tha e fior fheumail a chuimhneachadh’, an uair a bhitheas sinn a’ beachdachadh air meur d’ar bardachd rè iomadh linn d’ar n-eachdraidh, gu bheil sinn uile ro dheas gu bhi gabhail, fasan agus cleachduin ar latha fein mar riaghailt airson a bhi sonruchadh ciod a tha ceart agus freagarrach ann an rann agus gu h-araid ann an cainnt am measg ghinealach agus linntean a bha ann an iomadh doigh dealaichte bhuainn. Tha na laghannan a tha sonruchadh fallaineachd no mi-fhallaineachd teagaisg soilleir, seasmhach, buan. Ach cha’n urrainnear so a radh mu na laghannan a tha sonruchadh freagarrachd no mi-fhreagarrachd cainnt. Tha so fior ann an doigh ro shonruichte mu thimchioll Ghaidheal na h-Alba. Cha robh leabhraichean ro shiubhlach ’n am measg a ghleidheadh ceangal eadar sgireachd agus sgireachd no eadar ginealach agus ginealach. ’Se eisempleir do sgireachd agus do latha fein is riaghailt dhuit airson snas agus cubhaidheachd do chainnt. Bho chionn leth-cheud bliadhna, air Galldachd agus air Gaidhealtachd, bha doigh chainnt air a ghnathachadh ris nach eisdeamaid an diugh le tlachd; agus an diugh fein cluinnidh sinn ann an aon sgireachd comhradh nach fuilingear ann an sgireachd eile. Tha modh agus gloine ann an cainnt feumail agus dlù air cho ionmholta ri firinn ann an teagasg, no ri ceartas ann an gniomh. Ach tha firinn ann an teagasg agus ceartas ann an gniomh ’n an dearbhadh moran na’s carbsaiche air staid a’ chridhe na tha a’ chainnt a chunntas tusa salach no mi-mhodhail, ach a shaoileas mise a tha glan agus modhail gu leoir. “An ni a thig a mach as a’ bheul, is e so a shalaicheas an duine,” ach gu sonruichte an uair a tha e “a’ teachd o’n chridhe.” Is mithich fheoraich ciamar a dh’ uisnich na Gaidheil anns an rioghachd so an aoir. Tha e coltach gu’n robh a ghnè bhardachd cumanta ’n am measg o shean. Tha Eireannach foghluimte ag innseadh dhuinn gu’n robh e ’n a chleachduin aig na baird a bhi seinn rannan eisgeil le deasghnathanna sonruichte d’an d’thug iad mar ainm Glam Dichinn, agus gu’n robh cumhachd no buaidh anns an ni so a thogadh léus no guirean air an aodann. Cho fad agus is aithne dhomh cha’n ’eil iomradh earbsach againn air cleachduin de’n t-seorsa so a bhi air a leantuinn ann an Albainn. Cha mho a gheibhear an aoir air a h-uisneachadh mar mhodh-teagaisg anns a’ bhardachd Oiseinich, ged a chithear air uairean an spiorad a tha toirt beatha do’n aoir anns a’ bhardachd sin, agus gu sonruichte anns na sean-fhocail. Ach tha aobhar no dhà againn gu bhi creidsinn, ged nach do ghleidheadh air chuimhne na seann aoirean ’n ar duthaich, gu’n robh an aoir o shean cumanta am measg ar sluaigh. A dh’aon ni cha’n ’eil, ma dh’ fhaodte, meur d’ar bardachd is usa a’ leigeadh ar dichuimhne na an aoir. Feudaidh e bhi gu bheil e fior, mar thuirt am bard sasunnach, gu mair an t-olc a ni daoine beo ’n an deigh, agus gu bheil sinn teom air a’ mhaith a ni iad a chur anns a ùir le’n cnamhan; ach tha mi meas, ’n ar measg-ne co-dhiu, gu bheil ar cuimhne na’s fearr air deagh ghniomhan na tha i air droch ghniomhan dhaoine. Tha mi de’n bharail gu’n dearbh ar bardachd cho fad agus a tha cunntas earbsach againn mu deidhinn gu bheil ar corruich cho maith ri ar gaol teth; ach saoilidh mi gu’n gabh e deerbhadh mar an ceudna, agus is feart cliuiteach so ’n ar sluagh nach bu choir a dhi-chuimhneachadh, gu bheil ar gaol cho buan agus a tha ar corruich cho diombuan. An aite a bhi sgriobhadh easuntois ar daoine ann an umha agus an deadh-bheusan ann an uisge, is ann a tha e fior mu Ghaidheil na h-Alba gu’n sgriobh sinn an cliù le peann iaruinn anns a’ chraig, agus am mi-chliu le ar meur anns a’ ghaineamh. Tha am bard anns an aoir a’ buntainn a mhain ri nithean agus cuisean a latha fein. ’S e a rùn a bhi diteadh dhaoine a tha deanamh clì, no bhi ’caineadh agus a’ fanoid air cleachduinean nach cord ris. Cha’n amhairc e air ais air eachdraidh a’ shluaigh ach airson eisempleir no coimeas agus is gann a dh’amhairceas e idir air thoiseach air. An uair a shiubhlas an t-eucorach no a theid a’ chleachduin á fasan is gann a bhitheas moran miagh air an aoir a rinn am bard mu’n deidhinn. Is leoir dhuit a ghleidheadh air chuimhne mar a dh’ aoireas baird do latha fein eucoraich agus cleachduinean mi-cheutach do latha fein. Tha e soilleir mar so, mur teid an aoir a sgriobhadh, gur e is docha nach gleidhear air chuimhne i. Agus ma tha e fior, mar thuirt mi cheana, gu bheil na Gaidheal ann an doigh ro shonruichte deat gu euceartan dhaoine a leigeadh as an cuimhne, faodar a thuigsinn ged biodh aoirean cumanta gu leoir o shean nach biodh moran diubh air faotainn an diugh. Agus tha an dearbhadh na’s laidire gu’n robh an aoir cumanta o shean ged tha i nis air chall ma bheir sinn fanear gu faighear brìgh na h-aoir ’n ar seann litreachas gu sonruichte anns na sean-fhocail agus anns na sgeulachdan. A rìs anns a’ cheud chunntas earbsach a tha againn mu’n bhardachd a bha siubhlach am beul an t-sluaigh, gheibhear an aoir ’n a lan neart. Anns a bhardachd Oiseinich, cia air bith mar ghleidheadh air chuimhne e, no cia b’e a’ cheud duine a sgriobh i mar tha i againne, cha’n fhaighear ach roinn de’n bhardachd a bha siubhlach am measg ar sluaigh, ged is e sin an roinn a b’airde, agus a bu chliuitiche. Is ann an leabhar Deadhan Lis-mhoir a gheibh sinn a cheud chunntas earbsach air gach gné bhardachd anns an robh Gaidheil a’ faotainn toilinntinn. Sgriobh an duine so a sios a’ bhardachd a fhuair e ann am beul dhaoine ’n a latha fein. Chaidh an leabhar a sgriobhadh o chionn tri-cheud-gu-leth bliadhna. Cha’n ’eil teagamh nach do rinneadh moran de’n bhardachd a tha anns an leabhar iomadh bliadhna roimhe sin; ach tha an cruinneachadh so’n a dhearbhadh cho firinneach air a ghnè bhardachd a bha siubhlach am measg Gaidheal an là ud anns na criochan anns an robh MacGriogair a chomhnuidh agus a tha “An t-Oranaiche” a chuir Mac-na-Ceardadh a mach ann an Glascho ’n a dhearbhadh air na h-orain a tha miaghail aig luchd-seinn ar latha-ne. Cuid de na h-orain so rinneadh o chionn corr agus ceud bliadhna; cuid eile rinneadh o chionn latha no dhà. Cha’n innis “An t-Oranaiche,” ma dh’fhaodte c’uin a rinneadh na h-orain; ach bithidh an leabhar ’n a dhearbhadh do gach linn air na h-orain is siubhlaiche an diugh, agus is airidh, ann am beachd Mhic-na-Ceardadh, air an gleidheadh air chuimhne. Air a cheart doigh cha’n innis leabhar deadhan lis-mhoir c’uin a rinneadh a’ bhardachd a gheibhear ann; ach tha e ’n a dhearbhadh air a ghnè bhardachd a bu chumanta a fhuair MacGriogair am beul an t-sluaigh, agus a b’airidh ’n a bheachd-san air a sgriobhadh ann an leabhar. (Ri leantuinn.) Mu Chalum Cille. EARRANN II. Ann an Eachdraidh Chalum-Chille tha sinn a’ leughadh gu’n robh e, air mhodh àraidh, misneachail agus làn do eud naomh. ’Nuair a thàinig e nall á Eirinn bha e làn eòlais air gach cunnart agus doilghiodas a bha roimhe; ach cha do tharruing e air ais. Ghuidh e air Dia deich-bliadhna-fichead a chur r’a bheatha, chum saoithreachadh ’na obair féin; agus bha dòchas aige, trid còmhnadh an Uile-chumhachdaich, anns an ùine sin gu’m buadhaicheadh e anns na bha ’na bheachd. Bha e comharraichte airson a ghliocais: cha’n fheudar dearbhadh a’s làidire a bhi againn air so, na ’n dòigh iongantach air an do choisinn e sìth agus càirdeas nan rìgh uaibhreach, borb, a bha r’a linn; an dòigh san do chum e suas. uachdaranachd thairis air ceudaibh eaglais a bha fo ’riaghladh ann an rìoghachdaibh a bha dealaichte o chéile ann an cainnt agus ann an cleachdadh; mar an ceudna, an (Air a leantuinn air taobh 30.) [TD 28] [Vol. 6. No. 4. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 28 IULAIDH, 1897. Tha othail mhor anns na stàitean an Iar aig an àm so mu bhi faotainn òir ann an ceann a tuath Alaska. Thatar ag radh gu bheil am miotail phriseil sin anabarrach pailt ann an cearna de Alaska; thainig soitheach gu San Francisco o chionn ghoirid a’ giùlan beagan us tri fichead duine a tilleadh dhachadh as, agus bha fiach faisg air da mhuillein dolair aca. Tha an t-àite gle dhuilich a nuigheachd, tha e anabanach fuar ’sa gheamhradh, agus cha’n eil ach tri miosan samhraidh ann. Tha na neanbh-chuileagan nam plàigh uamhasach ann; cha leig iad fois le duine latha no dh’oidhche. Thuirt fear de na daoine gu robh i na dùthaich ghràineil gu bhi innte, ach gu robh i fallain gu leòr. Tha ’n tuarasdal gle mhor, cho ard ri leth-cheud dolair ’san latha, ach tha a’ chosguis a reir; cha’n fhaighear barailte flùir na’s saoire na ceud dolair. Tha daoine aig ’m bu chòir fios a bhith, ag radh gu’n toirear mu dheich muillein dolair de dh’ òr as an aon àite chaidh fhosgladh an taobh a stigh de choig bliadhna. Cha’n eil sinn a cluinntinn moran mu’n dol air adhart ann an Cuba aig an àm so, ach gu bheil am fiabhrus a toirt air falbh moran de da saighdearan Spainnteach, agus nach eil taobh seach taobh a’ faotainn buaidh a’s fhiach air an taobh eile. Tha sgeul air tighinn gu bheil ceannard nan ceannairceach an deigh striochdadh do na Spainntich, ach co-dhiu tha sin fior gus nach eil, tha e doribh a radh. Tha an cogadh so air leantuinn tuilleadh us fada, agus an deigh call mor a dheanamh, agus b’fhearr gu’n tigeadh crioch air. Bha fras bhriagh uisg’ againn an so feasgar Dior-daoin. ’Nan robh a leithid air tuiteam air feadh na dùthcha gu leir dheanadh i feum mor, ach bha iomadh àite air nach d’ rainig i idir. Anns na Forks, mu cheithir mile mach as a bhaile cha do shil boinne uisge. Tha làn àm aig uisge tighinn a nise, oir tha ’n talamh air fas gle thioram. Sgriobh duin’ àraidh nach dean sinn ainneachadh ugainn o chionn ghoirid ag iarraidh oirnn stad a chur MHIC-TALLA g’a ionnsuidh-san, agus ag iarraidh oirnn innse dha gu de uiread ’sa bh’aige ri phàigheadh dhuinn. “Cha’n eil mi smaoineachadh,” ars esan, “gu’n do phàigh mi ’n thòisich mi air a ghabhail coig bliadhn’ air ais, ach aon leth-dolar. Tha mi an dòchas gu bheil a’ chùis a’ soirbheachadh le MAC-TALLA gu math. ’s gu bheil saoghal fada roimhe. Is mi do charaid dileas, &c, &c.” Nach beag an t-ioghnadh ged a shoirbhicheadh le MAC-TALLA, ’s ged a dheanadh am fear a th’ air a cheann fhortan. ’N am biodh luchd-leughaidh a phaipeir so air fad cho dileas ’s cho dleasannach ris air duine so, nach i Ghàilig a bhiodh suas a’ bhruthach! Tha na fiosan mu dheireadh a thainig a thaobh na Tuirce ag innse gu bheil an Sultan cho rag ’sa bha e riamh, agus a’ diùltadh ùmhlachd a thoirt do na rioghachdan mora. Tha e air innse gu bheil Breatunn air son toirt air striochdadh a dh’ aindeoin, ach tha Ruisia an aghaidh sin. Tha an cothrom aig an t-Sultan orra chionn iadsan a bhi air an roinn an aghaidh a chéile. Ach tha sinn a’ creidsinn, a dh’ aindeoin gach dàil a thatar a’ cur ’sa chùis, gu’m faigh ceartas lamh an uachdan air a cheann mu dheireadh. Cho seòlta ’s gu bheil an Trucach, agus cho fada ’n aghaidh a chéile ’s gu bheil rioghdan eile, cha mhair iad mar sin ach ùine ghoirid. Bha an taghadh aca ann an Eilean a phrionnsa Di-màirt agus tha na Liberals air an cur an dreuchd a rithist, ach cha’n eil àireamh cho mor a bharrachd air càch aca ’sa bh’ aca roimhe. Thatar a dheanamh a mach gu’m bi iad eadar seachd us deich na’s làidire na na Conservatives. Bha muinntir Baile-Shearlot a bhòtadh air an Scott Act Dior-daoin, ach cha chuala sinn ciamar a chaidh e. Reic Dr. Nansen an t-seann deise bha uime nuair a thachair Mr. Jackson air anns an àirde tuath ri Madame Tussaud air coig mile dolair, agus tha i gu bhi air a gleidheadh ann an tigh-ioghnaidh. Anns an t-saoghal a tha ’n so, cha’n eil aig duin’ ach a bhi ainmeil, agus gheibh e ’n t-airgead cruaidh air ni sam bith ris an togair e dealachadh. Cha’n eil dùthaich a’s caoimhneile tha déiligeadh ris na moitairean na Austria. Anns na deich bliadhna chaidh seachad, fhuaireadh ochd ceud duine ciontach de mhort anns an dùthaich sin, agus dhe ’n àireamh sin cha deach a chrochadh no chur gu bas ach tri duine fichead. Thachair sgriorradh uamhasach air rathad-iaruinn ann an Denmark, air an t-seachdain s’a chaidh. Bhual aon sreath de charbadan ann an sreath eile agus chaidh ochd carbadan a chur as a cheile nan spealgan. Bha da fhichead duine air am marbhadh, agus tri fichead air an leòn. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 29] [Vol. 6. No. 4. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh Iain Hughes, fear-cumail tigh-òsda ann an Charlottetown, a mharbhadh le tuiteam bhar carbaid a sheachdain gu an Di-ciaduin s’a chaidh. Bha e air an daoraich, agus chaidh e á cnàimh na h-amhaich. Thainig fear Iain Balcham ann an Charlottetown ri bheatha fhéin oidhche Di-dònaich s’a chaidh le deoch phuinnsein a ghabhail. Bha aige ri fianuis a thoirt an aghaidh duine a bha ’seasamh cùrtach air son a bhi creic deoch làidir, agus thainig e ri bheatha fhéin air son faighinn cuibhteas sin. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Chaidh seòladair d’ am b’ ainm Herbert Hays, a mhuinntir Newfoundland, a chall bhar bord an t-soithich-smùide “Cape Breton” air an turus mu dheireadh a rinn i gu Montreal. Bha e tilgeadh a mach luathainn, agus thuit e thairis; chaidh e fodha mu ’n d’ fhuaireadh cuideachadh a chur g’a ionnsuidh, agus cha ’n fhacas tuilleadh e. Fhuaireadh corp duine air an rathad-iaruinn faisg air Montreal air an t-seachdain s’a chaidh, agus e air a phraunadh cho dona ’s gu feum gu ’n deachaidh dha no tri charbadan thairis air. Fhuaireadh paipear na phòcaid air an robh “J. Mc Neil” sgriobhte, agus tha feadhain dhe ’n bharail gur ann a mhuinntir Cheap Breatunn a bha e. Bha teas mor aca ann an Lunnainn air an t-seachdain s’a chaidh, teas air ’n do chuir iad uidhreachd mhor ged nach robh e ri choimeas ri teas na dùthcha so. Am feadh ’sa bha muinntir a bhaile a gearan air an teas, bha muinntir nan Stàitean a chaidh a null gus an samhradh a chur seachad, a sior mholadh cho fionnar ’sa bha ’n t-side. Chaidh càraid a phòsadh o chionn ghoirid, agus iad còrr us tri mile de mhiltean o cheile. Bha fear na bainnse ann am Pretoria, an ceann a deas Africa, agus bean na bainnse ann am bail’ Amsterdam, ’s an Ollaint. Chaidh am pòsadh a dheanamh le fiosan a chur air ais ’s air adhart air an telegraph, agus a reir lagh nan Dùitseach, tha e cheart cho laghail ’s ged a bhiodh a’ chàraid òg taobh ri taobh. Tha aig iasgach nan giomach ri stad Di-satharna; sin an latha air am bheil an lagh ag òrduchadh leigeil leis a ghiomach fuireach na dhachaidh fhéin gun dragh sam bith a bhi air a chur air. Bha an t-iasgach air an t-samhradh so na b’ fhaid’ air ais na b’ àbhaist dhi bhi; bha barrachd dhaoine ris an obair, agus cha do ghlac iad thar a chéile uiread ’sa b’ àbhaist a bhi air an glacadh bliadhnaichean roimhe so. Chaidh àireamh de na soithichean-smùide tha giùlan guail gu Montreal air an t-samhradh so, air tir ’san amhuinn St. Lawrence. Chaidh té no dha dhe na Turrets air grunnd o chionn mios no dha air ais, agus air an t-seachdain s’a chaidh, chaidh soitheach eile, an Tyr air grunnd, ach fhuaireadh a toirt dheth gun chall sam bith. Feumaidh gu bheil rud-eigin cearr, nuair a tha sgiorraidhean dhe ’n t-seors’ ud a’ tachairt. Mur eil an amhuinn cunnartach, cha ’n eil an luchd-iùil cho math air cheann an gnothuich ’s bu chòir dhaibh a bhi. Tha stampaichean na h-Iubili a’ cur mu mhuillein dolar a stigh do ionmhas Chanada nach rachadh ann mur bitheadh iad. Tha daoine cho deigheil air am faotainn ’s gu bheil iad ’gan gleidheadh gun an cur am feum idir. Mar sin tha na seann stampaichean ’gan cur am feum mar a b’ àbhaist, agus tha Riaghladh na dùthcha a’ deanamh airgeid. Tha cuid de na stampaichean air fàs gle dhaor; tha té nan ochd sentichean a’ creic an àiteachan air da dholair, agus ma chreidear na their cuid bidh a’ phris cho àrd ri coig dolair an ùine gun bhi fada. Bha an t-side anabarrach teth air an t-seachdain so, ach o’n bha sinn cho fada feitheamh ris a’ bhlàths, cha chòir dhuinn a bhi ’gearan o’n thainig e. Fhuaireadh cuirp nan daoine chaidh a bhàthadh ann an Glace Bay air a’ 21 latha de ’n mhios a dh’ fhalbh. Thainig corp Churtis gu tir Di-satharna s’a chaidh, agus fhuaireadh corp Umlah ann an lion ’sa mhaduinn Di-màirt. O chionn treis a dh’ ùine air ais, bha na bancaichean a’ toirt coig sentichean bhar an dolair de dh’ airgead nan Stàitean. Tha iad a nise ’n deigh a chur mar a bha e roimhe, agus cha ’n eil iad a toirt bhar an dolair ach aon sent. Tha moran sluaigh a’ dol air ais ’s air adhart air lochan a Bhras d’ Oir. Bha ceithir fichead ’sa coig air a’ Mharion a’ tigh’nn a stigh feasgar Di-màirt s’a chaidh. Bha ’chuid mhor dhiubh a mhuinntir nan Stàitean agus nam mor-roinnean uachdrach. Bha ’n Comanachadh aig Drochaid an Aiseig, am Mira, la na Sàbaid s’a chaidh; bha dòrlach math sluaigh cruinn, ach cha robh uiread ’sa b’ àbhaist a bhi ann. Bi’dh ’n Comanachadh an Leitche’s Creek la na Sabaid s’a tighinn, ’s an t-Urr. UIlleam Calder air ceann na seirbheis. Tha mèinn a’ Reserve ag obair gu bras air an t-samhradh so, agus tha àireamh de na mèinnean eile mar sin cuideachd, ach tha sinn duilich a chluinntinn nach eil mèinn Ghowrie ach gann ag obair idir. Air a mhios s’a dh’ fhalbh cha do dh’ oibrich i ach ochd latha. Cha ’n eil sin ach bochd dhaibh-san a tha ’n taice rithe air son am beò-laind. Iadsan a Phaigh. An t-Urr. Coinneach Mac Coinnich, Halifax, N. S. Alasdair Domhnullach, Braigh na h-Aimhne Deas. An t-Urr. A. Mac Gillebhràth, Lismore, N. S. Iain Domhnullach, Antigonish, N. S. An t-Urr. Calum Caimbeul, Strathalba, E. P. I. An t-Urr. Niall Mac-na-h-Innse, Cornwall, Ont. Tormaid K. Mac Leoid, Dunbheagain, ($2.) Ont. Iain D. Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, ($2.) Ont. Eachunn Mac Fhionghain, Priceville, Ont. R. I. Grannd, Gleann Chashion, Ont. C. L Lister, Rat Portage, (25c.) Ont. Murchadh Mac-an-t-Saoir, Gaylord, Mont. R. I. Mac Eachuinn, Newton Centre, Mass. Domhnull Mac Leoid, Detroit, Mich. Iain F. Smith, Quesnelle, B. C. Dr. D. H. Domhnullach, Welsford, N. B. Domhnull Mac Amhlaidh, Mèinn a Reserve. Iain Stiùbhart, Gleann a’ Phiobaire. Padruig Mac Fhionghain, New Canada. Domhnull Mac-a-Phearsain, Narrows Mhora. A. R. Domhnullach (gobha), Baddeck. $2.00 Eos. Domhnullach, Rathad nam Frangach. Aonghas Moireastan, Marsh Lake. An Siorram Buchanan, Sidni. Tormaid Domhnullach, Sidni. Uisdean Gillios, Braigh Mhargaree. Cairistiona Chaimbeul, Cladach-a-Tuath. M. R. Mac Aonghais, Amaguadus Pond, 50c Seumas R. Dughlach, Sidni. 50c Mairi Cheanadach, Alba, 50c Padruig Mac Raing, Mabou. 35c Ma rinn sinn dearmad air neach sam bith cuireadh e fios ugainn gu ’n dàil. Tha da reusan againn air a bhi cur nan ainmean anns a phaipear o àm gu àm:—(1) air son gu ’m bi fhios aig gach neach a phàigh gu ’n d’ fhuair e creideas, agus (2) air son gu ’m bi fhios aig na h-uile tha leughadh a phaipeir co tha ’ga phàigheadh. BAS. Aig Kempt Road, air an naodhamh latha fichead de dh’ Iun, Mairearad, bean ghràdhach Raonuill Dhomhnullaich, tri fichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .30 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MACKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. NUAIR THEID THU ’BHADECK taghail an stor Albert I. Hart. Tha Stor mor aige dhe na h uile seorsa bathair. Bathar Tioram Bathar Cruaidh Amhlan, Aodaichean, Caiseart, Adan, Curraichean, agus iomadh ni eile. An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle. ALBERT I. HART. Baddeck, Aug. 1, ’90. NIALL DOMHNULLACH, CEANNAICHE. Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c. Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa. Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap. BADDECK, C. B. Tha e na fhear-gnothuich do’n. MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaipear, agus ainmean luchd ghabhail thoirt dha. CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA $1.00 SA BHLIADHNA. [TD 30] [Vol. 6. No. 4. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 27.) dòigh anns an d’ araich e a liuthad òigridh, a thàinig a ghabhail fòghlum fodha; agus am modh anns an do thagh e aodhairean airson a liuthad eaglais ’sa bha ’n earbsa ris. Cha ’n ann gun ghliocas mòr a bha so r’a dheanamh, air dòigh a chosnadh meas agus urram dha o gach tìr, a bha meudachadh fhad ’s bu bheò e. Leis gach buaidh eile, tha e air ’innseadh dhuinn, gu’n robh aige cruth àrd dreachmhor; aghaidh shuilbhearra, thaitneach; guth smachdail cumhachdach, a b’ urrainn da air uairibh a thogail mar thoirm tàirneanaich; tha Abdomnan ag aithris, ann an eachdraidh a bheatha, gu ’n cluinnt’ e gu soilleir dlùth do mhìl’ air astar a’ seinn shalm. Ach ’s ann airson a chràbhaidh, agus a dhiadhachd a bha ’n duin’ ainmeil so co comharraichte. ’Na uile chainnt, agus ’na ghiùlan gu léir bha’n spiorad so an uachdar. Ghiùlain e air ’inntinn, anns gach còmhdhail agus anns gach àm, mothachadh daingeann beò air gnàth-làthaireachd agus sùil-choimhead an Tighearna. “An àill leat,” arsa Coibhi, an t-àrd-Dhruidh, ris air còmhdhail àraidh, “seòladh am màireach?”—“Air an treas là,” fhreagair Calum, “ma ’s deònach le Dia, ’s gu’m bi mi beò.”—“Cha ’n urrainn duit,” a deir an Druidh; “bheir mis’ air an stoirm éiridh, agus air a’ ghaoith séideadh ann ad aghaidh; sgaoilidh mi ceò agus dorchadas mu’n cuairt duit.” Fhreagair an duine naomh e, “Tha ’na h uile ni fo smachd an Uile-chumhachdaich; ’na ainm-san tha mi gabhail gach ni os làimh; fo stiùradh a fhreasdail théid mi mach, ’s cha bhi eagal orm.” Bha spiorad na diadhachd r’a fhaicinn ’na uile ghiùlan; Bha ’bheatha air a caitheamh ann an ùrnuigh agus ann am moladh; moch agus anmoch, ge b’e àit am bitheadh e, cha do leig e aon là seachad gun ùrnuigh fhollaiseach a chur suas, am measg naimhdean, luchd-fochaid agus magaidh, bhuadhaich e sa’ chleachdadh so. ’Nuair nach robh fardoch os a cheann, no fasgadh thairis air ghlòraich esan Dia le aoradh riaghailteach agus follaiseach. A bhàrr air so, bha àmanna àraidh aige airson ùrnuigh dhìomhair ’na sheòmar féin agus ’na eaglais féin. Ann lagan uaigneach, ann an sàmhchair na h-oidhche, ’s gach aon mu’n cuairt da ’nan suain, b’ àbhaist dhà-san ’anam a dhòrtadh a mach ann an ùrnuigh do’n Dia a chruthaich e. Tha aon àit ann an eilean I far am bu ghnàth do’n duine naomh so mòran d’a ùine a chaitheamh ann an co’-chomunn ri ’Dhia agus ri ’Shlànuighear. Tha ’n t-àit air a chomharrachadh gus an là ’n diugh fo ’n ainm Cnoc-nan-aingeal; a thaobh na barail a bh’ aig daoinibh air a ’chuideachd ghlòrmhor a bha ’g iathadh mu ’thimchioll air na h-àmannaibh naomha sin. Cha do ghabh e riamh ni air bith os làimh, agus cha do thòisich e air obair sam bith, gus ’n do ghuidh e air tùs soirbheachadh o Dhia. Mun rachadh e stigh ’na charbad beag, dh’ asluicheadh e beannachd an Ti sin a b’ urrainn a chumail o thuisleadh. Ma chaidh bainne na buaile seachad air gach là, cha deach e riamh seachad air gun a bheannachadh. ’Nuair chitheadh e ’n t-arbhar a’ teachd fo dhéis, “Gu ma beannuichte,” theireadh esan, “gu’n robh Dia airson a mhaitheis.” Ge b’e àird as an séideadh a’ ghaoth bha esan taingeil; oir bha caraid éigin ’na bheachd do’n robh i freagarrach. Cha deachaidh e riamh a stigh a dh’ amharc caraid caoimh nach bi haleluia a cheud fhàilte; agus bha cuirm spioradail aig ’anam mun d’fhuair a cholann lòn. Tha e againn uime ann an eachdraidh, gu’n deachaidh e, air àm àraidh, a dh’ amharc an naoimh urramaich sin Centigern, a bha chòmhnuidh san àite sin far am bheil baile-mòr Ghlaschu air a thogail. ’Nuair a dhlùthaich e air an tigh san robh na manaich a chòmhnuìdh, chaidh iad uile mach g’a choinneachadh le laoidhibh naomha, agus thàinig esan ’s a chàirdean air an aghaidh a’ seinn haleluia bhinn. An ìoghnadh ged a chinn obair an Tighearna ann an làimh an duine so, a bha co dùrachdach, eudmhor, seasmhach ann an ùrnuigh. Do ’n fhear-theagaisg a tha mar so a’ caitheamh a làithean tha gach nì comasach. (Ri leantuinn.) ELIAH. Gu fanoideach agus gu taireil tha ’n Tisbitheach aig àm bheil fios air crioch na stri air mullach Chairmeil, a’ comhairleachadh nam faidhean breugach a tha cheana airsneulach leis gach oidheirp a rinn iad. Tha e feargach agus doilghiosach aig a’ cheart àm. Tha e feargach do bhrigh gu bheil sluagh Israeil aig an robh eolas ’us oilein a b’ fhearr, air an tarruing a thaobh le mealltaireach truaillidh nan cinneach. Tha e feargach do bhrigh gu bheil an sluagh a’ tabhairt do Bhaail an t-aoradh agus am moladh a bhuineas do Dhia a mhain. Tha ’m faidh doilghiosach, oir tha àireamh co mor a’ cathachadh an aghaidh an De ghloirmhoir a tha ’mhain o shiorruidheachd gu siorruidheachd. Tha e doilghiosach gu bheil aineolas co tiugh, co muladach agus co marbh a’ dorchachadh inntinnean ’us coguisean nam faidhean. Is ionann a tha faireachduinnean gach cridhe dirich a tha air a chuartachadh le mi-naomhachd ’us le ana-measarachd. Innleachdan ’us creuchdan ’us gairm nam faidhean, cha’n eil stath no tabhachd annta Tha neoil an anmoich gu luath ag iadhadh mu ’n cuairt, agus tha ’n duine molach aiginneach an Tishbitheach ’ga chrioslachadh fein airson a’ ghniomh ghaisgeil a tha e dol a dheanamh. An deigh do fheoil an tairbh oig a bhi air a deasachadh, an connadh air a chur an uidheam, agus a’ chlais mu ’n cuairt air a lionadh le pailteas uisge, tha ’m faidh a’ deanamh urnuigh ris an Dia ’s Tighearn ann; agus ann an uine ghearr tha teine bho nèamh a’ losgadh suas gach ni a tha mu ’n altair agus eadhon ag imlich an uisge ’tha anns a’ chlais. Tha ’n sealladh mor so ’giulan cuimhne ’n t-sluaigh a tha ’g amharc air, a dh’ ionnsuidh an àm ’s an robh iad aineolach air cuilbheartan Bhaail agus fhaidhean. Tha agartas trom ag eiridh suas an taobh stigh dhiu, airson nan gniomharan amaideach a rinn iad. Tha iad a’ tuiteam air an aghaidh agus ag eigheach a mach: Is e ’n Tighearna fein a’s Dia ann! Is e ’n Tighearna fein a’s Dia ann! Thug an Tighearna buaidh a mach gu glormhor. Rinneadh a dheas-lamh glormhor ann an cumhachd. Ann am meud oirdheirceis chlaoidh E Ahab agus iadsan a dh-éirich suas maille ris an righ bhochd sin. Chuir an Tighearna ’mach fhearg, agus loisg E suas comhairle ’s cleachduinn nam faidhean breugach mar asbhuain. Bhuadhaich Eliah a sheas ’n a aonar ann an og-mhaduinn an latha air sliabh Chairmeil as leth gloir ’us moralachd an Tighearna. Anns an anmoch, cha’n eil cridhe am measg an t-sluaigh a tha ’comhdach na beinne, co curanta, calma, làidir, aghartach, ri cridhe ’n fhàidh. Bho ’n t-sealladh àrd uamhasach a chunnaic iad, tha ’n sluagh truagh a’ faicinn cia mar bha iad air am mealladh, cia co an-diadhaidh agus olc a bha ’n caithe-beatha, am feadh a bha iad a sleuchadh gu h-iosal ’us gu maslach do dhiathan a dhealbhadh le lamhan dhaoine. Aig iarrtus teann Eliah, tha greim air a dheanamh air fàidhean Bhaail uile—air a cheithir cheud ’s an leth-cheud. Tamull beag roimhe so, bha iad lan misuich, ’us pròis us dòchais. A nis tha iad gun dreach, gun tuar, gun treòir. Coimhich us coigrich a tha araon annta fein, agus ’n am beachdan. Thruail iad oighreachd an Tighearna. Mhaslaich iad ainm naomha-san. Air an aobhsr sin, cha teid duine dhiu as. Le torman ciùin tha sruth Chision a’ siubhal seachad air sliabh Chairmeil. A dh’ ionnsuidh bruaich na h-aibhne so, tha feachd Bhaail air an tarruing, agus an so tha iad air am marbhadh. Tha amhuinn Chision ag imeachd sios, ’us i air fàs dearg ’s air a truailleadh le fuil nam faidhean a thruaill an tir gu léir. Air feadh gach linn ’us ial theid iomradh a dheanamh air buaidh Chairmeil, air treòir ’us treubhantas Eliah, air mòrachd ’us neart ’us glòir an Dé is Tighearna ann, ’s air an aoradh ’s air an t-seirbheis dhileas a’s còir do gach neach ’us fine ’thabhairt Dhasan a mhàin, am feadh a bhios grian ’us gealach ann. CONA. Atharrachadh Cainnte. “Ann an Ceann-tìre, ’s e groib a their iad ri h-ine, biorach ri gamhuinn, cuinneag-mhaistridh ri muidhe, agus boch ri bàthaich. ’S e càr a their iad ri càrn-slaoid, coibe ri spaid, madhalt ri sgùilean, bodhtradh ri buarach, sugan ri sioman, agus màtad ri croman-dùin. Their iad eun ri ian, deur ri diar, lòch ri loch, agus deòca ri deoch. Ri dìonas creagach ann am bruaich uillt, far am [TD 31] [Vol. 6. No. 4. p. 7] bi togail ’g a deanamh ’an ceilt, their iad tur.—Their iad cudainn ri tuba no ballan, rathad Ionbharnis; ach ’s e ciut a their muinntir Chinn-tìre rithe. Their cuid molt ri mult, balt ri bolt, cos ri cas, corc ri coirce, earna ri eòrna, agus steòll ri steall. “Ri blòth garbh their iad romach, mu dheas oirnn.—Mu thuath their iad ris a’ bhruinn-deargan pigidh; their sinn féin biaidh ri èun sam bith. ’S e stuaididh a their iad ’an Uidhist ri stìdidh.—Ann an Arasaig their iad Tòmas ri Tómas, agus thà à ’an àite thà è. Ann an Siorrachd Rois, theireadh iad—‘Am pac thu ’m piocaid a’m?’ an àite mar a their sinne—‘Am fache thu ’phiocaid agam?’—agus Du’ic-aoi—’an àite Dùthaich-Mhic-Aoidh.—Ann an Aruinn their iad an treigh ris an tràigh, an spèin ris an spàin, agus am bweta ris a’ bhàta. Tha cuid againn fein a their mar seo, metheir ri ri màthair, agus spein ri spàin.—Rathad Urchaduinn their iad cheana no chean ri ‘gu dearbh.’ Mu Ionbhar-aora their iad ‘mo chriosan’ ri pàisde ris am bi iad ri beadradh, an àite (mar theireadhmaide) mo cheist, mo rùn, no mo laogh thu.—Ann an Caolasaid their iad bhitheabh e, ’an àite bhitheadh e, na’m buaileabh e mi, ’an àite na’m buaieadh. Ann am Bràighe Lochabar their iad lùgh, frùch, cùl, sùthal, ùl, ri laogh, fraoch, caol, saoghal, aol; agus tha cuid de mhuinntir Lochaber a their mùdal ri maodal, agus dorust, solust, brist, ’an àite dorus, solus, bris. Tha seo uile glé neònach; ach nach eil e dìreach cho iongantach Peadal a ràdh ri Peadar, Pòl, ri Pàl, agus Saul ri Sàl—iuntas ri ioghantas, cearchd ri cearc, bràch ri bràth, maich ri maith, agus an taol’us tigh dhiom, ’an àit an taobh a’s tigh dhiom, &c.? Dh’ fhaodainn leabhar gàbhaidh a sgriobhadh mu’n chùis seo, na’m biodh duin’ ann aig am biodh làn-eòlas, pailteas ùine, agus na bu leòr de dh-airgiod gus a chur a mach a nasgaidh. Tha mòran fhacal anns a’ Ghàidhlig a ghabh i an iasad; mar a ta inid, caileadairachd, combaist, speuclair, eiseimpleir, caiptin, eiirneal, sgipeir drong, minister, sagart, truinnseir, clarc, simileir, salm, tiompan, trompaid, oifrinn, ifrinn, aingeal, deomhan, diabhol, paidhir, boid, bola, brot, briuthas, cîbear, calluinn, fùdar, pûthar, closaid, pàilliun, caibideal, &c. Tha mòran de bhun-fhacail na cainnte air dol á cleachdadh; ach faodar fathast am brìgh a lorgachadh suas o’n t-sliochd a rinn tàrmach uapa, mar seo; eir (cearc); pis (cat); cuil (piast); aigle (àille); cait (driuch); fait (sgàth); frog, forg, subh (sunnd); ciom (bruid); driong (fuaim bhrònach fhann); beairt (maoin); gread (treis), &c. Mìnichidh an sìol seo brìgh an sìnnsir; eireag, piseag, cuileag, aiglean, caitean, faiteach, frogan, forgan, subhach, ciomach, drìongan beairteach, greadan, &c.”—An Treoiriche. Tha sinagog Iudhach ann an St. Louis, Mo, agus tha còisir-chiùil innte anns nach eil aon seinneadair Iudhach; is Criosduidhean iad uile. As an Iar-Thuath. FHIR-DHEASACHAIDH:—’S fhada bho nach fhaca mi guth as an Iar-Thuath no á Manitoba na’r paipear; bha ’ur sgriobhadairean á Manitoba gle ghearaineach air fuachd a gheamhraidh sa chaidh, mar a dh’ fhaodamaid a bhi uile, ach tha mi ’n dòchas nach do reothadh am meòrain gu h-àraid an fheadhain a bhiodh a stuireadh a phinn. A thaobh coltas an Iar-Thuath aig an am, bha ’n t-side ’cumail gu math tioram deireadh an earraich ’s a chiad chuid de ’n t-samhradh; bha aogas nan tuathanach gu math duaichnidh re an ama sin, mar gu’m biodh iad diombach ri cléireach na sìde, ach bho’n àm sin thainig uisge ’us gu leòr dheth a thug a mach gach pòr gu math, agus a thug fiamh taitneach gu h-àraid air aghaidhean a luchd àiteachaidh, ’s tha iad réidh gu leòr ris a chléireach aig an àm seo, ’g òl a dheoch-slàinte gu subhach ’s ag iarraidh air anail a leigeil car tacain. Tha mi toilichte gu bheil MAC-TALLA a fàs na’s pailte ’n taobh seo ’s am Manitoba, ged a tha gu leor fhathast as aonais a leughas Gailig gle mhath. Bha Calum Dughalach ag ràdh rium an latha roimhe gu’n robh e dol a chur bilag bhòidheach uaine g’ar n-ionnsuidh an uine gun a bhi fada airson bliadhna dheth, ach ma chuireas gnothach àraid eile as a chuimhne e, bheir sinn ribag as romh dheireadh an fhoghair. Gus a bhi coltach ris a chuid eile de ’n t-saoghal bha Iubili Dhoimean na Ban-Righ air a cumail suas an seo leis a h-uile greadhnachas a ghabhadh deanamh, feadhainn nach fhaca ’m baile bho chionn thri-bliadhn-deug, rainig iad air an lath’ ud a nochdadh an dilseachd. Cha’n eil teagamh nach robh nach robh Lunnainn eag no dha fos air cionn a thaobh ioghnaidhean ’us sheallaidhean iongantach, ach bha gu leòr a làthair a bha smaointean nach robh. Ur Caraid, SEUMAS N. MACFHIONGHAIN. Do’n Chuaich. Fonn:—The Bonny Cuckoo. LE T. O. RUSSELL. Mo Chùach duìl bhinn táir fáilteach linn, ’S tre coilltibh a’s blàth’ leat beidh mé san lá, Go dtiocfaidh na sgoth’ a’s go seinfir leó, Agus seinfidh mo Chùach insin go beo, Cucù, cucù—go dtiocfaidh na sgoth, Agus seinfidh mo Chùach a ris go beò. Deirfidh na crainn ’s deirfidh na blàth, A Chùachìn bhinn nà fàg sin go brath, Fan linn in so’s deun samhradh go deò, Ni sgarfair linn, fanfair go binn, Fan linn a gcòmhnuidhe ’s deun samhradh go deò, Fan linn a gcòmhnuidhe ’s deun samhradh go deò. Bha dotair anns na Stàitean o chionn ghoirid a dol mu ’n cuairt air toir fir a chaidh as a rian agus a bha aige-san ri thoirt d’ an tigh-chaothaich. Fhuair e e ann an tigh-cùrtach, agus e air jury. D. A. Mac FHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear tagraidh. Comhairliche, Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 32] [Vol. 6. No. 4. p. 8] Am bheil iad ’gam ionndrain o’n Bhaile. Am bheil iad ’gam ionndrainn o’n bhaile? Bu ghaolach le m’ chridhe ’s an ams’, A’ chinnt gu bheil gràdhaich a guidhe, “O! b’ fhèarr leinn gu ’n robh e so ’n dràst!” Am fios gu ’n robh ’n croillein mu ’n teallach A’ smuaindeachadh orms’ tha air falbh, Dearbh-bheachd gu bheil ionndrain aig bail’ orm, B’ ard-sholas gun tomhas an sealbh! B’ ard-sholas, &c. ’N uair chiaras air feasgar—an tràth sin, ’Tha coisrigt’ do ’n dàn—cian nan cian— ’Bheil neach ann a luaidheas air m’ ainm-sa, ’Sa their, “’S fhad air falbh uainn mo mhiann?” ’S am mothaichear meang anns an òran. ’S gun mo ghuth-sa ’bhi ’còmhnadh na téis’? No ’n duisg e teud-bhroin anns gach anam Mi ’bhi uapa air m’ aineil, an céin! Mi bhi uapa &c. An suidhich iad cathair aig bòrd dhomh, ’N am eibhnis an teòghlaich ’bhi dluth, ’Nuair lasar na coinnlean a’ s’ t-seòmar, ’S na reultan ’s a ghorm-speur gu ciuin? ’N uair a ghabhas gach aon cead d’ a cheile, ’S a theid iad fa leth ’ghabhail taimh, ’M bi cuimhn’ air an fhear tha air ’aineol, ’S an guidh iad fo smalan dhomh “slaint’?” ’S an guidh iad, &c. Am bheil iad ’g am ionndrain o’n bhaile, Tra maidne, tra feasgair, no nòin? ’S na tharmaich neul duthach mu’n cuairt doibh, Nach soillsich a ghruaim ach mo neòil-s’? Bheil sugradh a’ manran cho taitneach, ’S a bha ciann a b’ ait ’bha mi leò? No ’bheil iad o cheal, o’n nach doigh dhomh ’Bhi ’n caidribh a’ chroilein ni is mò? ’Bhi n caipribh, &c. Comhstrith nan Litrichean. AIR FONN—“Cabar Féidh-” AN T-UACHDARAN. Thuirt “A” ri “B,” mas leir duit mi Na dean le mi-run amharc orm, Bho’n ’s mise ceannard oirbh gu leir Nach éisd sibh ris na labhras mi, An ciad neach bha riamh ’san t-saoghal Bha mise ’m aonar maille ris, Us chanar ris an t-ainm “A” O’n ’s e chiad ràdh rinn anail da. O ghob na speireig ’tha ’s na creagan Thainig an dealbh beag agam-sa, A tha dùinte anns a bhràigh Da spàg ’us teangamh ghaganach; Mar dhearbhadh gun d’ thàinig beatha ’n t-saoghail ’S an ni bha marbh air cathrachadh, Nach lionmhor ailleachd ’tha air “A” Nach urrainn bàrd ’bhi canail air. AN TUATHANACH. Gu beachd, thuirt “B,” ged ’s mor do phròis Tha beagan eòlais agams’ ort, Thàinig mi cho math riut fhéin, ’S gach ceum aon dòigh an gabhar e: ’S ann leam-sa thàinig beatha ’s blas, Bliochd ’us bàigh ’us barralachd, ’Us bha mi ’chomhnuidh mar ri Adhamh Mu’n deachaidh “A” a chanail leis. Mo dhealbh-sa thàin’ o chrodhan bò Anns a bheil sògh ’us maitheasachd; ’Bheir im ’us càise dhuinn le ’r lòn, ’Us air son òl ’bheir bainne dhuinn, Grudh ’us uachdar, bàrr na fuaraig, Brith o chuach na bannaraich, Cha b’ ionnan ’us an speireag lachdunn Spùineadh cearcan tighe leis. AN T-OIBRICHE. Le smachd thuirt “C,” ’us fiamh-ghàir orr’ S àbhachdach a’ phaidhir sibh, Le cheile ’g iarruidh a bhi àrd ’S an straic a deanamh fanoid oirbh, Ged bha mi cruthachadh an t-saoghail M’an robh ann h-aon agaibh-se Cha chuala is cha chluinnt’ an drast e Mar sàraichear le ’r glaigeal mi. Mo dhealbh-sa thàin’ o’n dara séud A dhealr’ o’n speur air talamh dhuinn, Nar chitear i air tùs gach mios, Tha “C” mar chulaidh mhaitheis oirr’ Do’n choigreach gu tric toirt iùil ’S gur àrd mo chliu o’n mharaiche, ’S ged tha mi ’m sheirbheiseach do’n ghréin Cha nàr leam fhein sin aideachadh. Tha ’n t-Uachdaran fodh fhallain A, toirt a chiad àite da fein, mar a bu dual da o thùs. Cha ’n ’eil an Tuathanach, B, air aon chunanta a diultadh sin dha, ach tha e ’g innseadh dha cho beag ’s as urrainn e dheanadh gun a chònadh-san. Tha C, an t-Oibriche, a leigeil fhaicinn gu soilleir gu bheil iad uile marbh ás ionnais oibre. CALUM CAIMBEUL MAC PHAIL. Oran Ur. FONN. Seinn an duan so, hug i ri hu o, Do ’m chailin dualaich hug o ro hi, A’s deirge gruaidhean ’s a ’s duinne cuailean, ’S gur lionmhor buaidh a th’ air luaidh mo chridh’. Fhuair mi eòlas an iomadh àite, Ach bean do ghràdh-sa cha ’n fhaca mi, Na te do ghluasaid ’s do nàdur suairce O c’àit’ an cualas an d’ fhuaradh i? ’S beag ioghnadh leam-sa na tha an déigh ort, ’S na bheil toirt spéis dhut an iomadh dòigh; Thu modhail, ionnsaicht’, lan tùir ’us ciùne,— ’S glan, cridheil, sùnndach mo rùn geal, og. Pearsa dhìreach, dheas, chuimir, dhealbhach, Fo shioda balla-bhreac ’s an fhasan ùr; Ceum aotram, còmhnard, nach lub am feòirnean, A’s miann gach òigear do shealladh suil. Tha do bhriathran-sa blasda, dòigheil, Gun mheang, gun ghòraich, ’an òrdugh réidh; Do ghuth mar smeòraich a’ seinn ’s an òg-mhios, ’S tu gabhail òrain a’s bòidhche seis. Cha ’n e diomhanas ’chleachd mo rùn-sa Ach snas is cùram le tùr ’ga rian; Ro mhoch ag éirigh, go dol ri feum thu, ’S gu ’n dearbhainn fhéin nach eil éis a’d ghniomh. Meur na chraoibh thu nach fhaodte réubadh, ’S a chinnich gle mhath ’san duthaich thall; ’S a chuid dhith bhuannaich taobh bhos nan cuaintean, Gun chinn i suas mar bu dualach ann. Ged bha thu sgrìob feadh na Staitean Aonaicht’, Cha tug sin smaointean ’bha faoin a’ d cheann; Thu soitheamh, ciallach, ro-chinn am briathran, Mar chleachd thu riamh ma’n do thriall thu ann. Gur buidh’ an òigear a gheibh do làmh-sa, ’S dha’n toir thu gràdh o’s cionn chàich gu léir; O, biodh e caoimhneil, lan tuir is faighdinn, Gun gniomh, gun fhoill ann, ’s na shaighdear tréun. ’S ge b’e àite ’s am bi do chòmhnadh, Bi’dh paillteas stòrais ’us sòlais buan; O, guidheam slàinte dhut, fad do làithean, ’S nuair thig am bàs dhol gu Pàrras suas. LEIGHEAS BUAN. Sgriobh an t-Urr. Hy. Carter, Maddock, Springfield, P. E. I, mar a leanas, ann an Iun, 1895:—“Cha’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i ail a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.” Tha an litir so a nochdadh an éifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n té a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, còrr us bliadhna ’n deigh so, “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slan, ’s gu’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre” Sibhse tha tinn feuchaibh e. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B. $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. [TD 33-40] [No. 5 a dhìth] [TD 41] [Vol. 6. No. 6. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 6 OGUST, 1897. No. 6. Litir a Lunnainn. FHIR-DEASACHAIDH:—Leis a litir so gheibh sibh ordugh airson £3.5.9 gu pàigheadh airson MAC-TALLA fad bliadhna eile. Bithidh sibh cho math ’s gu’n lean sibh air a stiuradh a dh’ionnsaidh na muinntir a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach. Tha mi an dochas gu’n gabh sibh mo leisgeul airson a’ bhi cho fad a’m thosd; ni mi mo dhichioll air beagan ni’s mò a sgriobhadh chugaibh air a bhliadhna so na a sgriobh mi fad na bliadhna chaidh seachad. Cha’n fhaod sinn a bhi ’gearan air mar a tha cùis na Gàidhlig a dol air a h-aghaidh an so, ged is e tuilleadh adhartas a bu mhath leinn fhaicinn. Rinn an class Gaidhlig an Oil-thaigh an Righ an deadh obair fad a gheamhraidh agus chaidh duaisean a thoirt daibhsan a choisinn iad air Dior-daoin sa chaidh comhla ris an luchd-ionnsachaidh eile ’tha anns an Oil-thaigh. Tha an luchd-riaghlaidh gle thoilichte gu’m beil a Ghàidhlig a nis air a teagasg anns an Oil-thaigh: gu dearbh is ann a tha pròis orra as an t-seann chainnt. Tha mòd a chomuinn Ghaidhealaich gu bhi air a chumail am bliadhna an Inbhirnis, agus tha dochas againn gu’m bi e na choinneamh mhòr as an tig mòran feum. Cha’n e mhain sin ach tha sinn an dùil gu’n toir iadsan a tha air a cheann dearbhadh air gu’m beil iad da-rireadh anns na tha iad a deanamh an ainm a bhi cumail suas na Gàidhlig. Tha an “Naigheachd Ghaidhealach” a nis a clo-bhualadh moran Gàidhlig gach seachduin agus thional am fear-deasachaidh mu fichead punnd Sassunach gu bhi air a thoirt mar dhuaisean do na maighstearan-sgoile airson a bhi teagaisg na Gàidhlig. Bhur caraid dileas, CABER-FEIDH. A Framboise. Bha teas anabarrach mor againn bho chionn cho’-la-deug; cha d’ fhairich sinn, tha mi’n dùil, riamh a leithid; cha’n ’eil mi cinnteach gu de cho àrd sa bha e, ach tha mi cinnteach nach robh e sàbhailte do mhac bodaich a dhol a mhac gun dubhar math air a sgall. Ach ’n deigh a h-uile rud, is math a tha sinn dheth seach àiteachean eile far a bheil moran a’ tuiteam as a seasamh, is gu leòr a’ basachadh le meud an teas; agus ma bhios foighidinn againn, ’s goirid an ùine gus a tig aimsir fhallain, fhionnar, mu’n cuairt. Cha’n ’eil am bàrr a’ coimhead idir cho math ’sa chunnaic sinn iomadh uair mu’n àm so. Bha toiseach an t-samhraidh gle fhuar, fliuich, airson fàis, ach dh’fhaodadh gun tigeadh leasachadh fhathast ro àm buana. Bha ’n t-iasgach gu math fad air ais am bliadhna. Cha d’ rinneadh a bheag a dh’-iasgach sgadain no traisg. Tha daoine an deigh a mheur ud de’n iasgach a leigeil dhiubh air na cladaichean so cha mor gu buileach, agus air tionndadh ri glachdadh nan giomach; ach bha ’n t-side cho stiormeil air an t-samhradh so, ’s nach do ghlachdadh faisg na h-uiread dhiu sa b’àbhaist, agus a bharrachd air sin bha seachd latha air an gearradh dheth ’n ùine a fhuair sinn cead air an iasgach an uiridh. Ach “ma tha thu lag bi umhail.” Cha d’ thainig na h-uidhir dhachaidh as na Stàitean thugain air an t-samhradh so ’sa b’àbhaist, agus mar sin cha’n ’eil sinn cho gallda, ’s cha’n ’eil a Ghàidhlig idir a’ fhaotuinn a leithid a bhleith. Ach a mheud ’sa thainig, tha iad a’ coimhead gle mhath agus a bhuil orra gu robh iad an deagh chosnadh bho’n dh’fhalbh iad. Am measg na thainig faodaidh sinn ainmeachadh gu bheil bean D. J. Lamond, a tha fuireach bho cheann fhada a’m Boston, ach a fhuair a togail ’sa h-àrach ’san aite so, agus cha’n eil teagamh sam bith nach ’eil a càirdean uile toileach a faicinn. Tha mi gle thoilichte fhaicinn gu bheil Comunn Ghàidhlig Halifacs beò fhathast. Tha mi ’n dòchas gu soirbhich gu math leotha, agus tha mi saoilsinn gu bheil buill de’n Chomunn a dh’fhaodadh naigheachdan a chur a dh’ionnsuidh a MHAC-TALLA. Càit a bheil Mr. MacIlliosa, Mr. Sutharlan, agus mo sheana chairid Mr. Ailein MacIlleathain, aig a bheil leabhar air cha mhor na rinneadh us nach d’ rinneadh de dh òrain Ghàidhlig na thigh; tha mi ’n dochas gun cuir iad sin sgrobag an dràsda ’sa rithist ad ionnsuidh. CEANN LIATH. 27, 7, ’97. Da Sgeul Beag Ait. Bha dà thuathanach roimhe so ann an teàrn àraidh do’n dùthaich laimh ri cheile. Ach ged a bha iad mar sud a coimhearsnachd, cha robh iad idir a còrdadh. Bhiodh spréidh an dara fir a cur tric dragh air an fhear eile, agus an spreidh aigesan cho tric a cur dragh air a choimhearsnach. Cha robh ach buaireadh agus connsachadh eadar an dithis so na h-uile latha ’sa bhliadhna. Chaidh fear diubh air latha àraidh gu fear-lagha a bha faisg air, agus rinn e gearan laidir an aghaidh a choimhearsnaich; dh’iarr e air an fhear-lagha a choimhearsnach a thoirt gu’n dàil gu ceartas airson a chall a bha chuid spreidh a deanamh airsan. An nuair a chuir e a ghnothaich an ceill, thubhairt an fear-lagha ris gu’n robh e duilich nach b’ urrainn e a ghearan a ghabhail do brigh gu’n robh a choimhearsnach aige a cheana agus gu’n do ghabh e a ghearan-san. Ach thubhairt e ris gu’n sgriobhadh e litir da gu fear lagha eile. Bha an tuathanach làn thoilichte le so, agus sgriobh an fear-lagha beagan fhocail dha; dhùin e an litir agus thug e dha i, thug e moran taing do’n fhear-lagha, agus dh’fhalbh e a mach. Ach an nuair a fhuair e mach smuainich e air fein gu’m bu toil leis fios a bhi aige ciod a bha anns an litir, ’se a bha ann shuidh e ri taobh an rathaid agus dh’fhosgail e an litir, chunnaic e ciod a bha ann, so agaibh na h-uile focal a bha anns an litir. “Da ghiadh reamhar; spion thusa fear dhiubh, agus spionaidh mise ’m fear eile.” An nuair a chunnaic e so bhuail e air aghart gu choimhearsnach agus sheall e an litir dha, agus rinn iad suas eatorra fein nach rachadh iad gu lagh am feasd, agus bha iad na’n coimhearsnaich mhatha riamh tuilleadh. Chunnaic iad nach robh dhith air an luchd-lagha ach an cuid airgid fhaotainn. Bha gobhainn roimhe so ’san dùthaich a chaidh dh’iarruidh baisteadh air a mhinister, agus an déigh dha a ghnothaich a chur an ceil, thoisich am ministir air cur cheist air mu thimchiol bòidean a bhaistidh, ach bha an gobhainn fada air ais, cha b’ urainn e am ministir a fhreagairt ann an aon cheist. Ach mo dheireadh se thubhairt an gobhainn ris a mhinistir. “Beag taing dhuibh air a shon, ’se sin a cheaird a dh’iunnsaich sibh, ach a cheaird a dh’iunnsaich mise tha mi fein math aice, theid sinn sios do’n cheardaich ach co againn is fear a chuireas cruidhean air each.” Fhuair an gobhainn baisteadh an deigh so, cha deach ceist tuilleadh a chur ris. Feumaidh sinn innse do ar luchd-leughaidh gu bheil sinn fo chosgus mhor ann an cur a mach a phaipeir, agus nach eil dòigh againn air pàigheadh a dheanamh mur dean iadsan sinne phàigheadh. Tha sinn an dòchas nach leig iad uireasbhuidh oirnn. [TD 42] [Vol. 6. No. 6. p. 2] NA H-AOIREAN. (Air a leantuinn.) ’S e an t-aobhar, ann an tomhas mor co-dhiu, airson a’ bheil roinn cho mor de na h-aoirean Gaidhealach air bheag luach, gu’n do rinn na baird iad do fhear no do bhean eigin a chuir mi-thlachd orra. Cuir thusa dorran air a’ bhard, coma c’arson agus coma co thu, agus aoiridh am bard thu. Nam b’e duine ath-ghoirid no treun air an cuireadh tu mi-thlachd bheireadh e do dheagh throd dhuit no bheireadh e ruith mhoirt ort; nam bu bhard e, dheanadh e aoir dhuit. Cha’n ’eil mar so ann am moran d’ar n-aoirean Gaidhealach ach trod ann an rann. Dh’-fheudadh e bhi gu’m bu duine thu a thoilleadh, airson do naduir no do chleachduin, dimeas no tair; ach cha b’e so an t-aobhar airson an do rinneadh dimeas no tair ort, ach a chionn gu’n do chuir thu mi-thlachd air a’ bhard. Rachadh do chaineadh an neo-ar-thaing cho foghainteach ged bhiodh do bheusan agus do ghiulan ’n an urram do’n sgireachd d’am buineadh thu. Nam foghnadh leis a’ bhard a bhi caineadh nam feart no nan cleachduinean a bha toillteanach air mi-chliu, no nam feuchadh e ri dealbh fior a thoirt seachad air an duil thruagh a dhuisg a chorruich, bhiodh an aoir airidh air ni-eigin de mheas. Ach cha’n fhoghnadh so. O mhullach do chinn gu bonn do choise bha thu air do chomhdach le salachar a theanga. Cha robh meang, no failinn, no uireasbhuidh ann an corp no ann an inntinn a b’aithne do’n bhard, agus a bha air a mheas taireil ’n a latha agus ’n a dhuthaich, nach robh air an luaidh riut. Co-dhiu bha dad firinn ann no nach robh, cha deanamh e muthadh. Leugh “Aoir an Tailleir” a rinn Donnachadh Ban. Feudaidh e bhi gu’m bu duine an tailleir nach robh na b’fhearr na bu choir dh’a bhi. Ma dh’fhaodte nach faigh taillearan mar luchd-ceird uiread urraim o’n t-sluagh agus a thoilleadh ceird a tha cho sean agus cho feumail. Ach cha b’ann a chionn gu’m bu taillear MacNeacain, no gu’m bu droch thaillear e, no gu’m bu droch dhuine e, a rinn Donnachadh an aoir. Bha’n taillear, mar is minic a bha taillearan, ’n a bhard e fein, agus gun a theanga fo ghlais: “Tha do theangadh mar reusar, Le tainead ’s le geiread, Thug thu deannal dhomh fein d’i; O’s ann agad tha ’n eucoir C’uim nach paighinn thu ’n eiric do sgeoil.” Co-dhiu b’ann aig MacNeacain a bha “an eucoir” no nach b’ann, cha deanadh e moran muthaidh, rachadh an aoir a dheanadh a dh’aon chor. Ach a chionn gur ann a phaigheadh ann an eiric sgeoil a chaidh a deanamh, leig am bard seachad an cothrom, agus chaill sinne an toilinntinn a gheibheamaid ann a bhi faicinn mar a dheanadh Donnachadh Ban culaidh-mhagaidh de na taillearan. An aite so tha againn moran de dhroch cainnt air bheag blas, agus na’s lugha firinn. Cha’n fhaighear moran buannachd no toilinntinn ann a bhi leughadh coslas no cliu an taillear mar a sgriobh Donnachadh iad: “’S e do choltas r’a innseadh, Fear sop-cheannach, grìmeach, Gun bhoineid, gun phiorbhuic, Gun bhad-mullaich, gun chirein, Lom uile air a spionadh, Car gu t-uilinn a sios ort, Strac na dunach de’n sgriobaich mu d’cheòs.” Tha aon-thar-fhichead de earrannan de’n t-seorsa so anns an aoir, agus saoilidh mi gu’n abair a mhor chuid de na leughas i gu bheil co-dhiu fichead earrann tuillidh ’s a choir innte. Cha’n urrainnear tuillidh cliu a thoirt do na h-aoirean eile a rinn Donnachadh Ban. Dh’aoir e Uisdean Piobaire a thachair air ann an Ceanntaile, a reir a sgeoil fein, airson an aobhair so: “Bha aon bhalach ann air banais, A thug dhomh tàmailt, O’n bha esan mar sin domh-sa, Bi mise mar so dha-san.” Tha’n sin corr agus ceithir fichead sreath de dhroch cainnt ag innseadh teisteanais Uisdean bhochd. Cha deachaidh “Anna Nigh’n Uilleam an Cromba” as na b’fhearr: “Bhruidhinn mise siobhalt, suairce, Mar dhuin-uasal anns an àm sin; Thoisich ise mar chu crosda, Bhiodh anns na dorsan a’ dranndail.” A chum stad a chur air dranndail Anna, b’eigin do Dhonnachadh fas ’n a chù agus dol a thabhunn. ’S e aoir Wilkes no “Iain Fhaochaig,” mar a dh’eadar-theangaich Donnachadh Ban an t-ainm, is fearr. Cha b’urrainn cainnt “masladh” no “mi-chliu” Wilkes a mheudachadh; agus toill e corruich a’ bhaird a chionn gu’n d’innis e “breugan air righ Deorsa,” gu’m bu “bheag air Morair Loudain,” gu’n do labhair e gorach “air cul Iarlà Bhoid, an t-armunn,” agus gu’n do “bhruidhinn e gu leir mu Albainn.” Ann am bardachd Mhic-Mhaighstir Alastair gheibhear gu tric fearg agus corruich a’ bhaird a’ losgadh agus a’ léireadh naimhdean nan Stiubhartach agus, ann am beachd a’ bhaird, naimhdean a dhuthcha. Ach cha’n abrar aoirean ris na h-orain a rinn an Domhnullach ann an aobhar a’ Phrionnsa, ged is maith is airidh moran dhiu air an ainm. Cha ’n ’eil ach dithis de orain Mhic-Maighstir-Alastair ris an abrar aoirean gu cumanta. ’S iad sin “Di-moladh Moraig” agus “Marbhrann na h-Aigeannaich.” Cha ’n fhaighear an dà aoir so ach anns a cheud chlo-bhualadh de shaothair a’ bhaird ainmeil so. Tha an leabhar a nis ro thearc, agus is maith gu bheil a’ chuis mar sin. Cha leugh neach sam bith aig a’ bheil inntinn fhallain an dà aoir so gun sgreamh, gun ghairisinn. Cha’n aithne dhomh rann a sgriobh bard ainmeil ann an Gaidhlig no ann an canain eile a tha an steigh, an smuain agus an cainnt cho truaillidh, cho salach, agus cho breun. Mar is lugha a theirear mu’n deidhinn is fearr. De na baird is ainmeile ’s iad Iain Lom agus Rob Donn, tha mi meas, a b’fhearr a dh’uisnich a’ ghne bhardachd so airson teagaisg. Cha’n fhaighear am measg na bheil a nis ri fhaotainn de shaothair Iain Luim uiread agus aon aoir; ach is gann is urrainn dhuit aon d’a orain a leughadh gu’n fhaicinn gu soilleir gu’m bu làn aoireadair am bard so. Duine aig an robh geur mhothachadh air eucoir, air foirneart, agus air olc; duine aig an robh aignidhean laidir, inntinn lasarach, agus teangadh sgaiteach; duine a bha neo-eisemeileach, misneachail, ged tha e air aithris nach robh ann ach gealtaire anns a chath; duine a rinn deagh obair ’n a latha fein, agus a tha, a reir mo bheachd, airidh air urram nach d’fhuair e fathast am measg a luchd-duthcha. Bha agus tha cumhachd Roib Dhuinn, gu sonruichte ’n a shiorrachd fein, na’s treise na cumhachd Iain Luim, no ma dh’fhaodte aon d’ar baird Ghaidhealach. Tha mi de’n bheachd gur airidh Rob Donn air gach urram a fhuair e. Is gann a chreideas mi gu’n robh aon d’ar baird Ghaidhealach aig an robh beachd cho cothromach agus a bha aig Rob Donn air cumhachd na bardachd agus nu sonruichte air cumhachd na h-aoir mar mhodh-teagaisg. Co-dhiu cha’n aithne dhomh aon diu a dh’uisnich na buaidhean a bha aige air dhoigh cho ionmholta; agus tha mi meas, ann an iomradh air aoirean na Gaidhealtachd, gu bheil Rob Donn airidh air aite air leth dh’a fein. Feuchaidh mi ri sin a thoirt dh’a gu goirid; agus, mar sin, gabhaidh mi seachad air aig an am so. Gheibhear na h-aoirean Gaidhealach is fearr, mar a thachair do na h-orain Ghaoil is fearr, air an deanamh le baird nach do rainig an t-aite a b’airde am measg am braithrean. Gheibhear aoir a nis agus a nis, fior fhreagarrach agus fior ghleusta, mar a gheibhear gu tric oran gaoil, air a deanamh le aon air nach cualas tuillidh iomradh. Am measg nam bard, seachad air an fheadhainn a dh’ainmich mi cheana, a rinn aoirean, tha mi saoilsinn gur iad Iain MacCodrum agus Ailean Dall is airidh air a’ chliu is airde. Cha’n ’eil mi ro cinnteach nach feudar a radh gu’n toir an dithis so barr air gach bard Gaidhealach a tha againn, ach Rob Donn ’n a onrachd, ann an culaidh-mhagaidh a dheanadh do ni no do neach air an tugadh iad lamh. Tha aon de aoirean Iain MhicCodruim, cho fad agus is aithne dhomh, air chall, co-dhiu cha’n fhiosrach mi gu’n deachaidh i riamh ann an clò. ’S e sin an aoir a rinn e do Thaillearan an Eilean-fhada. Tha e air aithris gu’n do thachair am bard air Domhnullach Shleibhte air là araidh agus e air fhior dhroch chomhdach. Cha robh ach gann stiall aodaich air. Dh’fheoraich Sir Seumas ciod a bu chiall do’n bhard a bhi cho luideagach; agus dh’innis am bard dh’a gu’n do rinn e aoir do na Taillearan a ghread iad cho goirt agus nach deanadh aon aca snathainn aodaich dh’a. Bhiodh e iongantach mur ’eil cuideigin anns an Eilein-fhada a ghleidh an aoir so air chuimhne; agus ma’s e [TD 43] [Vol. 6. No. 6. p. 3] agus gu bheil, tha mi meas gu mor an call mur cuirear i gun dail ann an clo. Cha’n ’eil orain shùgach no abhachdach ach tearc anns a’ Ghaidhlig, ach gheibhear air uairean a’ mheur so de’n aoir. ’S ann de’n t-seorsa so a tha na ghleidh MacCoinnich ann an “Sàr Obair nam Bard Gaidhealaich” air chuimhne de Orain Ghilleasbuig-na-Ciotaig. Tha “Marbhrann” agus “Aiseirigh,” Iain Ruaidh fior mhaith; agus cha’n ’eil an dà oran eile a rinn am bard ceudna “Oran cnaideil do’n Olla Leodach” agus “Banais Chiostal-Odhair” a bheag air deireadh. Ma tha cunntas a’ bhaird fior, bha ar n-aithrichean aig banais a neo-ar-thaing cho riasgail ruinn fein: “Bhuail iad air a cheile chnagadh, Leig iad air a cheile shádadh, Shin iad air aithris na braide, ’S air cagnadh nan òrdag. “Fear ri caoineadh, fear ri aighir, Fear ’na sheasamh, fear ’n a laidhe, Fear a’ pogadh bean an tighe, ’S fear a’ gabhail oran. “Cha robh ann ach beagan dibhe, Leig iad i dh’ionnsaidh an cridhe, Bha fear ’us fear aca rithist, Gun bhruidhinn gun chomhradh.” Cha’n ’eil aoir de’n t-seorsa a fhuair uiread cliu anns a’ Ghaidhealtachd ri “Moladh Chabar-feigh;” agus creididh mi nach d’fhuair i barrachd cliu na thoill i. B’e rùn a’ bhaird na h-uile spid agus tamailt a b’urrainn d’a a thoirt do na Rothaich. Cha bhiodh e farasda barr a thoirt air an rann a leanas: “Tha’m brochan a toirt sàr dhuibh, ’S tha’n càl a’ toirt at oirbh, Ach ’s beag is misde an t-àrmunn, ’Ur sàth thoirt an nasgaidh dhuibh. Ge mor a thug sibh chàise, Thar àiridhean Asainne, Cha’n fhacas cuirm a’m Fòlais, Ge mòr bha de chearcan ann. Caisteal biorach, nead na h-iolair, Coin ’us gillean gortach ann, Cha’n fhaicear bioran ann ri teine Mur bi dileag bhrochain ann. Cha’n fhaicear mairt-fheoil ann am poit ann, Mur bi cearc g’a plotaigeadh, ’S g’an tional air an deirce, ’Nuair threigeas gach cosgais iad.” Cha’n ’eil teagamh nach ’eil moran aoirean de’n ghne abhachdaich so nach do chuireadh ann an clò. Chuala mi uair agus uair oran Tiristeach d’am b’ainm “Calum Beag MacCimein” ’g a sheinn, ach cha’n fhaca mi ann an clò e. Thug Calum turus-cuain do Glaschu leis an “Du-lunndaich;” agus tha mi meas gun robh gibht na fochaid gu saoibhir aig a’ bhard a dh’innis mar a dh’eirich dh’a. Gheibhear air uairean na h-aoirean a’ gleidheadh cuimhne air atharrachaidhean a thainig air doighean agus cleachduinean an t-sluaigh; ged nach faighear cho tric agus a dh’earbamaid. Saoilidh mi gu bheil sinn na’s deise anns a’ Ghaidhealtachd gu bhi caoidh na cleachduin a dh’fhalbh na tha sinn gu bhi deanamh dimeas no tair no culaidh-mhagaidh de’n fhasan no de’n chleachduin a thainig. Air Galldachd agus gu sonruichte ana an Sasunn, is e an t-atharrach a tha fior. Cha chluinnear ach ainmig caoidh air an ni a chaidh á fasan; ach biodh am fasan ùr maith no dona, nithear fanoid air anns a cheud dol-a-mach. Gheibhear ’n ar litreachas, agus bha aobhar air, moran caoidh agus monbhur mu’n reiteach a rinneadh air an fhearann airson aite a dheanamh do chaoraich agus do fheidh. Ach a mach bho “Oran nan Ciobairean Gallda” a rinn Ailean Dall, is gann a gheibhear dimeas no tair air a dheanamh air na cleachduinean ùra no orrasan a thug gu buil iad. Bha aon chaochladh a dhuisg corruich nam bard air dhoigh ro shonruichte. Goirid an deigh bliadhna Thearlaich, thainig Achd Parlamaid a mach a’ toirmeasg an fheile-bhig; agus ag orduchadh gu’m feumadh gach fear briogais a chur air. Bhiodh e duilich do choigreach a thuigsinn gu’m bu chruaidhchas sam bith do dhuine gu’m b’eigin d’a a luirgnean a chomhdach; agus ma dh’ fhaodte, an uair is ann air Sasunnach is trice a chi sinn am feile an dìugh, gu’m biodh cuid againn nach abradh moran ged rachadh an t-Achd ceudna urachadh. Ach tha e farasta gu leoir a thuigsinn gur ann le fearg agus le searbhadas anma a dh’eisdeadh Gaidheal an là ud ris an ordugh am feile beag a chuir dhiu agus a’ bhriogais a chuir orra. Cha’n eisdeadh na Gaidheal a dh’-eirigh le Tearlach ach le don-fhoighidinn ri ordugh sam bith a thigeadh á Sasunn. Bha na Gaidheil a sheas air taobh Righ Deorsa a’ smuaineachadh gu’m bu droch phaigheadh airson an dilseachd Achd a bha ’n a thamailt agus ’n a mhasladh d’an Duthaich agus d’an Sluagh. Cha robh bard a sheinn ré ’n a h-uine a bha an t-Achd mi-fhortanach so ’n a lagh, co-dhiu bha e toirt umhlachd thoileach do’n Righ a bha ’riaghladh anns an àm no nach robh, nach do sheinn a’ caineadh na “briogais lachduinn” leis gach facal a bu sheirbhe agus a bu spìdeile a b’aithne dh’a, agus a’ moladh an “fheile bhig ’s a bhreacain” airson gach feum gus an cuirteadh aodach agus feum no dhà a bharrachd. Bha sinn riamh, tha fathast, agus tha dochas agam gu’m bi, ainmeil, airson ar caoimhneis, le ar cuid agus le ar cainnt, ri coigrich. Ach bha aon choigreach ’n ar measg nach b’urrainn dhuinn a mholadh—an Sasunnach ainmeil Samuel Johnson. Labhair e spìdeil mu na h-Albannaich thar cheann; agus gu sonruichte cha robh e creidsinn ann an Oisean. B’e so an aon pheacadh nach faigheadh maitheanas. Rinneadh a bheatha cho fad agus a bha e ’n ar measg; ach cha bu luaithe a dh’fhag e ar criochan na chaidh an t-soraidh ’n a dheigh. Ma b’fhior Uilleam Ros, fhuair “Mac-na-Bracha” buaidh air an Fhoclair threun: “An t-Olla-Mac-Iain le Bheurla, Le Laidinn ’us Ghreugais-chainnt, Gu’n d’fhag stuth uaibhreach nan Gaidheal Teang’ a chànanaich ud mall.” Anns a’ chruinneachadh oran a chuir Gillies a mach ann am Peairt anns a’ bhliadhna 1786, leabhar is gann air am faighear greim a nis, tha aoir shearbh do’n duine ainmeil so. Fhuair mi o chionn ghoirid bho charaid aoir nach deachaidh riamh ann an clò do’n “Olla Mac-Iain Le Seumas Mac-an-t-Saoir, fear Ghlinn-nomha.” Anns an aoir so tha an duine urramach, oir bu duine e cho urramach agus a gheibhteadh am measg dheich mìle a dh’aindeoin a’ bheachd fheallsa mu’n bhardachd Ghaidhealaich, air a chaineadh gu dubh agus gu maslach: “Gur th chlach a dhiult gach clachair, Gur tu gart-ghlanadh a’ ghàraidh, ’S tu soplach ’us moll na fasgnaig, An àm siol reachdmhor a chàthadh. Measg an eisg ’s tu’n dallag mhurlaich, No ’bhiast mhùgach sin mac-lamhaich, ’S tu’n t-isein ’a meadhon na breine, Am broc ’s a shron ’n a cheir tri raidhean.” Ghleidh Mac-Coinnich air chuimhne dà aoir air am feumar ìomradh a dheanamh am measg nan aoirean Gaidhealach. ’S e sin “Seanachas Sloinnidh na Pioba bho Thus” le Niall Mòr MacMhuirich, agus Di-moladh Piob Dhomhnuill Bhain” le Iain MacCodrum. Shaoileamaid gu’m biodh a’ Phiob air na steighean mu dheireadh a thaghadh na baird Ghaidhealach airson aoir. Bhiodh e dlù air bhi cho farasda leinn a chreidsinn gu’n deanadh bard Gaidhealach aoir do’n Fheile no do Oisean no do’n Ghaidhlig fein agus gu’n deanadh e aoir do’n Phiob. Tha priomh bhard Shasuinn uair agus uair a’ deanamh tair air an inneal-chiuil so; ach cha’n earbamaid na b’fhearr á Sasunnach air meud a thuigse. Tha Burns, ged a bha e baigheil ris na Gaidheil, ann an Tam O’ Shanter, a’ cur Shatain ’n a shuidhe ann an uinneig Eaglais Alloway, “a’ seideadh suas na pioba leis gach cumhachd agus innleachd ’n a chomas.” Ach Gaidheal ag aoireadh na pioba! Nam bu phiobaire bhiodh air aoireadh bu ni-eigin do chomhfhurtachd e; ged nach mor dhaoine a ghluaiseas cho mor-chuiseach, no a sheallas cho taireil air an t-saoghal mu ’n cuairt d’a, ri piobaire, an uair a tha ’phluic an impis sgaineadh. (Ri leantuinn.) COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Failte na maidne dhuit, a Choinnich; is moch a dh’ fhag thu an Goirtean Fraoich an diugh. Tha duil agam gu ’n robh thu a’ strith ris a’ ghrein, agus a reir mo bheachd-sa is tusa a’s luaith’ a dh’ eirich, oir tha astar fada eadar so a’s do dhachaidh-sa agus a thuilleadh air sin tha ’n la fliuch, na raointean bog, agus an t-slighe gun teagamh gach ni ach taitneach. Dean suidhe a steach ris an teine, cuir dhiot do chas-bheart, agus dean na ’s urrainn thu chum thu fein a thiormachadh. (Air a leantuinn air taobh 46.) [TD 44] [Vol. 6. No. 6. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ’Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 6 OGUST, 1897. Tha moran sluaigh ag ullachadh gu dhol gu Klondyke a shireadh an òir; tha cuid air an t-slighe cheana, àireamh mhiltean dhiubh, ach tha iadsan a’s eòlaiche air an àite ag radh gur co math do neach fuireach aig an tigh gu toiseach an earraich, a chionn nach biodh e dad na b’ fhaisge air a cheann-uidhe toiseach an t-samhraidh le falbh an dràsda na bhitheadh e le falbh toiseach a mhios Mhàrt s’a tighinn. Agus tha aon duine, a rinn e-fhéin saoibhreas mor anns na mèinnean òir roimhe so, a comhairleachadh do gach neach a tha smaoineachadh air falbh fuireach far am bheil e mur eil e ’na dhuine làidir, fallain, calma, agus mile dolair a dh’ airgead aige; ach ’se ’s dòcha leinn gu falbh na ceudan nach eil aon chuid làidir no calma, agus aig nach eil an treas cuid de mhile dolair. Bu chòir do neach sam bith a tha ’cur roimhe dhol ann a bhi na làn uideam mu ’m falbhadh e, agus gun a bhi idir dhe ’n bharail gu bheil an t-òr cho pailt ’s nach eil ri dheanamh air ach a thrusadh bhar an lair. Gun teagamh sam bith tha e pailt; ’se barail mhoran gu bheil e na ’s pailte ann na fhuaireadh ann an àite riamh roimhe; ach ma tha, tha aig daoine ri saoithreachadh gu cruaidh air a shon mu ’m faigh iad e. Tha an dùthaich anabarrach fuar agus mi-fhallain, ma chreidear gach sgeul a tha tigh’nn aisde, agus is cinnteach nach fhada gus am bi i air a dòmhlachadh le sluagh as gach cearna dhe ’n t-saoghal. Tha moran dhaoine an deigh am fortan a dheanamh ann cheana, ach tha e ri chreidsinn gu bheil a cheart uiread no barrachd nach d’ rinn fortan no rud coltach ris air nach cualas iomradh fhathast. Tha aon litir ag radh gu bheil gu leòr de dhaoine anns an àite nach eil ri obair sam bith; co-dhiu is ann a dheòin no dh’ aindeoin a tha iad ’nan tamh cha ’n eil an sgriobhaiche ag radh. ’N uair a fhuaireadh òr ann an Astralia agus an California an toiseach bhrùchd moran sluaigh a stigh annta; rinn moran dhiubh saoibhreas nach bu bheag, ach bha àireamh mhor eile, agus an àite saoibhreas a dheanamh, ’s ann a chaill iad eadhon ’na bh’ aca. Cha ’n eil teagamh nach bi an sgeul ceudna ri innse mu ’n àite ùr so, ged a bhios dòchas againn nach bi ann an tomhas cho mor. A reir na thatar ag aithris, cha ruig neach sam bith a leas eagal a bhi air roimh dhol gu Klondyke, ma tha e, mar a thuirteadh roimhe, làidir, fallain, agus ma tha deagh mhothachadh aig air na tha roimhe, agus e làn uidheamaichte air a shon. Mar a tha fhios aig luchd-leughaidh MHIC-TALLA cheana, rinn Riaghladh Chanada, ’san earrach s’a chaidh, reachd ùr leis am bheil bathar a tha tigh’nn á Breatunn air a leigeadh a stigh do ’n dùthaich so air cis na ’s lugha na tha air a leagail air bathar á dùthchannan eile. Bha a Ghearmailt agus Belgium o’n uair sin ag agairt còir air an cuid bathair fhéin fhaotainn a stigh air an aon chis a thaobh seann chòrdadh a bh’ eadar iad fhéin us Breatunn gu faigheadh an cuid bathair do cholonies Bhreatunn air an aon chis ri bathar Bhreatunn fhéin. Ach tha sin air a chur as an rathad; tha Riaghladh Bhreatunn an deigh rabhadh a thoirt dhaibh nach seas an còrdadh a bh’ eatorra ach aon bhliadhn’ eile. Fhuair an t-Urr. Mr. Forbes sgeula-bàis a bhràthar, a chaochail ann a Winnipeg ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha e na mhinisteir, a saoithreachadh ann an ceann a tuath stàit Dakota, agus bha e ann am Manitoba air chuairt. Bha ochdnar anns an teaghlach, agus b’ esan a’ cheud neach a thugadh air falbh leis a bhàs. Bha e tri fichead bliadhna ’sa seachd a dh’ aois. An Bard Agus an Ceard. Bha Alasdair MacMhaighstir Alasdair, am Bàrd Murchanach, uair ag iasgach aig bial Loch Suaineart; agus, a’ measg an sgioba ’bha leis bha seana ghiullan a bhuineadh do cheaird a bh’ air chuairt anns an dùthaich aig an àm. Dh’ éirich do’n bhalach gu’n do chaill e a dhubhan; ach cha do chuir sin moran mu ’n cuairt e. Ann an tiota rinn e fear eile de phrìne á aodach. Chòrd a gheur-chuis cho math ris a’ bhàrd agus gu’n d’ rinn e an rann a leanas. Ged nach robh an ceard ach òg bha e pòsda, ach dh’ fhag a bhean—Caithrìona—e greis roimhe sud a chionn nach robh e comasach air a beathachadh. Bi’dh mise’m bhàrd agud-sa, ’S bi’dh tusa ’d’ cheard agum-sa. ’S e sud an ceard acuinneach, Ud, ud, cha leig sinn dachaidh e! Bu chrìon, dubh ’an uraidh thu, Caitrìona cha chumadh tu; ’S ged bheireadh iasg dubhan bh’uait Fear ’dheanadh cha b’ urrainn duit: Ach ’m bliadhna gur murrach thu, ’S gu’n dean thu na h-urrad dhiùbh, ’S bi’dh sniad air a’ bhun aca, ’S bi’dh d’ fhiacail ’g an cum’ agud— Bi’dh mise ’m bhàrd agud-sa, ’S bi’dh tusa ’d’ cheard agum-sa. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 45] [Vol. 6. No. 6. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh da shoitheach seòlaidh a chuir an greim ann a’ Halifacs o chionn ghoirid air son a bhi bristeadh air lagh na cusbuinn. Chaidh ceithir cheud dolair de chàin a chur air gach té dhiubh. Bha na h-ùbhlan anabarrach pailt ann an gleann Annapolis an uiridh, ach tha coltas gu ’m bi iad gle ghann air a’ bhliadhna so. Tha iad ag radh nach bi iad ach m’an treas cuid cho pailt sa bha iad an uiridh. Bha an t-side gle fhuar o chionn seachdain, agus shil moran uisge; tha daoine, mar is àbhaist, a’ gearan, ach feumaidh iad sin, cho math riuthasan nach bi a gearan idir, cur suas leis gach seòrsa side thig, co-dhiu a tha gus nach eil e ’gan riarachadh. Chaidh a h-aon deug de shoithichean-smùide a luchdachadh aig an International Pier air an t-seachdain s’a chaidh, a bharrachd air àireamh de shoithichean-seòlaidh. Cha robh barrachd guail air a chur bhar na laimhrig sin rimh ’sa bha air a mhios a dh’ fhalbh. Cha do shoirbhich le luchd-iasgach nan giomach ach gu h-olc air an t-samhradh so, gu h-àraidh air taobh an ear an eilein, Tha fear aig an robh factoridh ann an Gabarus, Da’idh G. Smith, ag ràdh gu ’n do chaill iasgairean a’ chladaich sin ceithir mile trap leis cho fior stoirmeil ’sa bha ’n t-side. Tha moran dhaoine cur rompa dhol gu ruige “Klondyke” an t-àit iongantach sin anns am bheil an t-òr cho pailt. Eadhon ann an Ceap Breatunn tha àireamh mhath a’ deanamh deiseil gu falbh. Cha ’n eil teagamh nach dòirt moran sluaigh a stigh do ’n àite, agus cha b’ iongantach an ni ged a bhiodh tuilleadh ’sa chòir ann an ùine gle ghoirid. Bha dubhar air a’ ghréin a sheachdain gus an dé, eadar deich uairean us meadhon-latha, agus bha e soirbh gu leòr fhaicinn; ach cha b’ urrainnear amharc air leis an t-sùil luim. ’S e ’n dòigh a b’ fhearr air fhaicinn amharc air troimh ghlaine a bhiodh air a dorchadh le ceò. Cha robh an dubhar a’ còmhdach na gréine gu buileach, agus mar sin, cha chuirte uidhreachd sam bith air an t-solus. Chaidh pàisde nighinn, aois da bhliadhna, le Mr. Merritt, anns a’ Mheinn a Tuath, a bhàthadh Di-Satharna s’a chaidh ri taobh an taighe. Bha toll air a dheanamh anns an talamh anns an robh tuba làn uisge air a chur air son deoch a chumail ris na tunnagan; thuit ise ’a comhair a cinn anns an tuba sin, agus ged nach robh i ann ach ùine gle ghoirid, mu ’n d’ thugadh fa-near dhi, bha i air a bàthadh. Chaidh stad a chur air soitheach ann an Toronto air an t-seachdain so, agus cha ’n fhaigh i cead duine chur air tir, anns a bhaile sin gus an dearbhar nach eil a’ bhreac air bòrd. ’S ann á Montreal a dh’ fhalbh an soitheach, agus tha fathunn an deigh Toronto a ruigheachd air thoiseach oirre gu robh duin’ air bòrd a bha fàs tinn leis a bhric. Bha suas ri deich duine fichead a’ gabhail an ’turuis air an t-soitheach. Tha iad ag radh gu bheil, ann an cearna de Newfoundland, daoine cho fad air ais ’nan crannchur ’s gu bheil iad air an t-samhradh so an impis bàsachadh le gorta. Ann an aon àite, Bay Roberts, tha triùir de chloinn òga air bàsachadh cheana le cion a bhidh. Bha iad tinn le meur de ’n fhiabhrus dhearg, agus an deigh dhaibh a dhol am feobhas, cha robh biadh aca, agus chaochail iad an deigh fulang gu cràiteach. Is cianail an sgeul so, agus tha sinn an dòchas, ma tha i fior, gu ’n gabh riaghladh na dùthcha sin os laimh cobhair a dheanamh air an t-sluagh bhochd a tha nrn eiginn. Tha boirionnach a mhuinntir Halifax, Seònaid T. Mhitchell, an deigh mèinn de dh’ airgead beò fhaotainn faisg air Dartmouth; tha an stuth na ’s glaine ’sa mhèinn sin na fhuaireadh riamh ann an Canada. Tha fear Alastair Moore ann an Sidni Tuath a tha ’dol ’sa cheithir fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois, an deigh cnapach sabhail a thogail, air nach do chuir duine buille ùird ach e-fhéin. Nach b’e fhein an duine tapaidh. Fhuaireadh iasg neònach air a chladach an Acarsaid a’ Chléirich air an t-seachdain s’a chaidh. Tha e mu dheich òirlich a dh’ fhad, cho caol ri cas pioba, gob fada biorach, agus lannan gle gharbh air. Tha e air fairthleachadh air na h-iasgairean ainm fhaotainn dha. Thuit fear Domhnull Mac Aidh, a bha ’g obair air bòrd an t-soithich-smùide “Elliot,” sios an toll nuair a bha i aig laimhrig a’ ghuail an Sidni Tuath, a sheachdain gus a bhòn-de, agus chaidh a dha làimh a bhristeadh, a bharrachd air a dhruim ’sa thaobh a ghoirteachadh gu dona. Tha am bàt-aiseig, am Peerless a deanamh da thurus eadar Sidni us Sidni Tuath gach oidhche Di-haoine, agus cha ’n eil am faradh a’ cosg ach coig sentichean deuga. O’n ghabh a’ chuideachd ùr am bàta so os laimh tha iad an deigh a chur ann an uidheam na ’s fhearr na bha e o chionn bhliadhnaichean. Chaidh fear Iain Scott a bhàthadh ann an Seana Bhridgeport, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fhéin us dithis eile mach ann am bàta, agus chaidh e thairis orra. Fhuair an dithis eile snamh gu tir, ach chaidh esan a bhathadh. Thatar a’ deanamh a mach gu ’n do bhuail greim e, air dhòigh ’s nach b’ urrainn d’a cumail air uachdar. Bha eaglais ùr Chaitliceach air a fosgladh air Eilean nan Innseanach, faisg air Merigomish, N. S, a sheachdain gus an Di-dònaich s’a chaidh. Buinidh an eaglais do na h-Innseanaich; bha eaglais aca ’san àite sin roimhe, ach chaidh a leagadh le stoirm o chionn cheithir bliadhn’ air ais, agus tha ’n togalach ùr so air a chur suas na h-àite. Bha an eaglais air a coisrigeadh leis an Easbuig Chamaran. Seachdain gus an Di-luain s’a chaidh, chaidh boirionnach a losgadh gu bás ann am Maitland, N. S., bean Sheumais Chaimbeil. Bha i deasachadh bidh anmoch feasgar, agus air dhi cromadh os ceann an teine, ghabh a h-aparan. Cha robh a stigh ach i-fhéin ’sa fear a tha ’na sheann duine lapach, agus mu ’n d’ fhuair e ’ga cuideachadh, bha na lasraichean ’ga cuartachadh. Chaidh i ’na boil, agus ruith i o rùm gu rùm, agus ’nuair a fhuaireadh an teine chur as, bha i air a losgadh cho dona ’s gu ’n do chaochail i maduinn Di-màirt. Bha i ceithir fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Bha i-fhéin ’sa céile cuideachd tri fichead bliadhna ’sa tri, agus bha iad ’nan caraid a bha gle mheasail aig na h-uile chuir eòlas orra. Chaidh soitheach-seòlaidh a mhuinntir Newfoundland d’ am b’ ainm, “Florence,” a bhristeadh ’sa chur do ’n ghrunnd leis an “Scandanavian,” aon de na soithichean mora smùide a tha ruith eadar Breatunn agus Canada. Bha am “Florence” air a turus gu St. John’s lo luchd guail á Sidni Tuath, agus cha robh i fada bho ’ceann-uidhe ’nuair a bhuaiieadh i. Bha ceò trom ann aig an àm, agus chaidh i a bristeadh cho dona ’s gu ’n deach i fodha air ball. Bha bean an sgiobair, agus ceathrar de na seoladairean air am bàthadh; cha robh ùine aca air iad fhéin a shàbhaladh. Thachair so beagan an deigh meadhon-latha a sheachdain gus an Di-satharna s’a chaidh. Bha an sgiobair agus na bh’ air an sàbhaladh de na seòladairean air an toirt gu Boston leis an “Scandanavian.” LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .30 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho soar ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA $1.00 SA BHLIADHNA. [TD 46] [Vol. 6. No. 6. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 43.) COIN.—Moran taing dhuit, a Mhurachaidh, ach tha mi co tioram ri arcan. Cha d’ thainig mi o’n bhaile an diugh; cha d’ eirich mi gus an robh e sia uairean, cha do ghabh mi mo lon-maidne gus an robh e seachd, agus cha do choisich mi an diugh ach a thigh Alasdair Mhic Ruairidh, ogha brathar mo sheanar, far an d’ rainig mi an raoir, agus far an cuala mi moch an diugh gu ’n do chuir thusa an oidhche seachad an so maille ri do charaid coir fein, Uilleam Mor. Uime sin, ghreas mi orm chum gu ’m faicinn thu, agus fhir mo chridhe, thugadh a nis an solas sin dhomh. M.—Cha ’n fhaca ’s cha chual’ mi riamh ni sam bith ni ’s fortanaich’ na sin, oir cha chluinn Uilleam Mor guth air mise so fhagail an diugh, agus ma leigeas do ghnothuch leatsa e, a Choinnich, fanaidh tu maille riumsa gu feasgar agus bithidh la againn dheth, agus mo lamh-sa dhuit gu ’n altaich Uilleam Mor agus Cairistiona a bhean eireachdail do bheatha an so, ged a dh’ fhanadh tu fad seachdain. C.—Cha ’n eil mi ’cur sin ’s an teagamh idir, a Mhurachaidh, fanaidh mi gu feasgar co dhiubh, agus cha ghoirid an uine sin. Ach ciamar tha iad uile agad, a Mhurachaidh, eadar bheag agus mhor, agus ciamar tha ’n crodh? M.—Tha sinn uìle gun deireas, agus tha dochas agam gu’m bheil Seonaid agus an oigridh gu leir air an cosaibh. C.—Cha ’n eil fath a bhi ’gearan. Bha Seonaid o cheann da la gle chrosda, frionnasach leis a’ chneidh-fhiacal, ach is eucail sin nach tarruing moran truais o’n chridhe. M.—Is eucail i gidheadh, a tharruingeas na cnamhan as an fheoil, agus cha ’n fhurast do mhac an duine, mar is deagh-fhios dhomhsa, cur suas le sin. Tha a chneidh-fhiacal gabhaidh guineach gun teagamh, ach o nach eil i, mar a theirear marbhtach, cha ghabh iadsan nach do mhothuich riamh i suim di, agus uime sin, cha nochd iad ach co-fhulangas ro bheag; ach dean suidhe, agus stoldaich thu fein, agus innis domh beagan mu d’ thuras Eireannach, agus mu gach cearnadh chum an deachaidh Sir Seumas agus thu fein air feadh na seann rioghachd sin? C.—Dh’ innis mi roimhe dhuit, a Mhurachaidh, gu ’n do chuir an toit-long air tir sinn ann am Belfast agus b’e sin Belfast na bochduinn dhomhsa. M.—Ciod a dh’ eirich duit a Choinnich, ann am Belfast, baile mor le sraidibh fada, farsuing, agus lionmhorachd sluaigh? C.—Agam-sa tha fios air sin, a Mhurachaidh agus fios air mo chosdas. Chaidh sinn dh’ ionnuidh tigh-osda mor le dealbh feidh os ceann an doruis, agus gun teagamh rinn mo chridhe solas ris a’ cheann chrochdach an duil gu’m fac e Gaidhealtachd na h-Alba roimhe so. Ach co dhiubh, an deigh dhuinn gach goireas a dheanadh maith dhuinn ’fhaotuinn, chuir mo mhaighstir a mach mi an deigh dhorch-oidhche a dh’ iarraidh gne thombaca air an robh ainm neonach a thug e dhomh sgriobhta air cuibhrig geal litreach. An sin dh’ fhalbh mi, agus bha na sraidean gle thaitneach agus leth-shoilleir leis na lochranaibh a bha air an suidheachadh aig astar araidh o cheile. Sheas mi aig aite a bha ann an cuil ri taobh na sraide, agus chunnaic mi Eireannach an sin ’n a sheasamh aig dorus tighe big a thogadh le fiodh; agus bha e ag eigheach gu cruaidh agus le ’uile neart, ris an t-sluagh gu dol a steach, agus gu ’m faiceadh iad ni miorbhuileach, eadhon each le ’cheann far am bu choir ’earball a bhi. Bha cuireadh aig na h-uile gu dol a stigh air son da sgillinn. Stigh a ghabh mise maille ris na ficheadaibh eile, agus mar amadan mor sheas mi an sin, agus chunnaic mi an t-each miorbhuileach sin mu ’n do ghlaodh an t-Eireannach le ’uile sgairt, chum n’ am b’ urrainn dasan, gu ’m faiceadh na h-uile e. M.—Seadh, chunnaic thu an t-each, agus an robh e mar a thubhairt an duine luideagach, bith-bhriathrach a bha co cruaidh a’ cnr bhuaidhean iongantach an ainmhidh an ceill? C.—Ochan! is e ’bha. Chunnaic mi each beag, ballach gorm ’n a sheasamh le ’cheann a mach agus le thulchainn aig ceann shuas na prasaich far am bu choir d’a cheann a bhi. Thuig mi gu h-ealamh an cleas a rinneadh orm, ach cha dubhairt mi diog; mar nach dubhairt neach eile de na bha a stigh. An uair a chaidh sinn a mach air duinn a bhi, ma b’ fhior, lan iongantais, bhruchd na ficheadan eile a stigh, gu bhi air am mealladh mar a bha sinne. Ach cha ’n e sin a mhain a chuir dorran orm, oir bu bheag agam e, ach dh’ eirich altrap ro thubaisteach dhomh. Cha luaith’ a dh’ fhag mi am bothan ’s an robh an t-each, agus a rainig mi an t-sraid na dh’ iondrainn mi mo sporran anns an robh tri puinnd Shasunnach ann an or, agus beagan a dh’ airgiod briste. Thugadh as mo phoca an sporran le fear-reubainn gun fhios gun aire dhomh, anns an domhladas sluaigh a bha ’g amharc air an each thubaisteach a bha an sin, agus cha ’n fhaigh mi e a chaoidh. M.—Cha mhaith a dh’ eirich dhuit idir, a Choinnich choir, is daor a phaigh thu air son an t-seallaidh a fhuair thu dhe ’n each bhallach; ach ciod a dh’ eirich dhuit—ciod a rinn thu? C.—Sheas mi tacan beag far an robh mi a’ rannsachadh gach aite mu ’n cuairt domh, ach ochan! bha ’n call gun teagamh deanta. Bha duin’-uasal, co dhiubh ann an coslais, ’n a sheasamh ri m’ thaobh, chunnaic e gu’n robh ni-eigin am mearachd, agus dh’ fhoighneachd e ciod a dh’ eirich dhomh? Dh’ innis mi dha, agus thubhairt e rium stad an sin mionaid no dha. Rinn mi sin agus ghlaodh esan fear-eigin air ainm, agus ghrad thainig duine foghainteach, ard, le bioraid bhioraich air a cheann, crios mor, dealrach m’a chom, agus bata beag, buidhe ’n a laimh; agus chuir e lan a’ pheice de cheistibh orm. Dh’ fharraid e co as a thainig mi, c’ ainm bha orm, ciod a bha mi ’deanamh, cait an robh mi fuireach, ciod an dath, a’ chumadh, agus an deanamh a bh’air mo sporran, ciod an t-airgiod a bha ann, cuin a dh’ ionndrainn mi e, agus ceistean gun cheann gun chrich mar sin, ach, dh’ fhalbh esan, agus dh’ fhalbh mise gu bronach dhachaidh chum Tigh-osda an Fheidh. M.—Cia mar a dh’ eirich dhuit a ris? C.—Dh’ innis mi gu saor gach ni mar a thachair do Shir Seumas, agus rinn e lasgan gaire. Thubhairt e, “A nis, a Choinnich, teagaisgidh fear an eich bhig, bhallaich, ghuirm, gliocas duit, agus feumaidh tu sin mu ’n siubhail thu Innis-fail o cheann gu ceann. Ach c’ ait am bheil mo thombaca air son an do chuir mi mach thu? An do chaill thu esan mar an ceudna? Fhreagair mi Sir Seumas, agus thubhairt mi gu’n robh an tombaca far an robh e riamh air mo shonsa, do bhrigh nach robh sgillin ruadh agam a cheannaicheadh e. Cha dubhairt an duin’-uasal a bheag, ach a mhain so, gu ’n teagaisgeadh cleachdannan an t-saoghail agus nan Eireannach gliocas dhomh. M.—Cha d’ fhuair thu do theagasg a nasgaidh, a Choinnich, agus cha ’n eil fhios agam c’ ait am faigheadh. Comadh co-dhiu, cha ’n eil teagamh nach d’ thug do mhaighstir sporran ur le ’lan airgid dhuit an ait an fhir a chaill thu. C.—Is esan a rinn sin air ball. Mach a ghabh mi a ris, agus cha do chum each, no asail, no Eireannach mise gun tilleadh gun dail leis an tombaca, agus bha gach cuis ceart. M.—Ach ciod a dh’ eirich dhuit a ris, a charaid choir, agus c’ ait an deachaidh tu air an ath la? C.—Dh’ fhalbh Sir Seumas agus mi fein air an ath mhaduinn, agus thug sinn Baile-Cliath oirnn air an t-slighe-iaruinn; agus O! b’e ’m baile maiseach e, le aitreabhan aluinn sraidean lurach, tighean greadhnach, agus gach ni eile a reir sin. Gu dearbh chord Eirinn air fad rium anabarrach maith. Is briagh an duthaich i, agus is aluinn na glinn, na beannta, na machraichean, na h-aibhnichean, agus na lochan sail agus uisge a chithear ann. M.—Cha ’n eil teagamh idir nach i sin an fhirinn, a Choinnich, ach am fac thu moran dhe ’n duthaich re na h-uine a bha thu innte? C.—Chunnaic mi ach beag gach siorramachd ’s an rioghachd. Bha sinn a’ siubhal gach la o dheas gu tuath, o’n ear gus an iar agus a’ taghal bhailtean, agus mhachraichean, thighean nan tuathanach, agus chaistealan nan uaislean, agus mhaithean na tire. Seadh, c’ ait anns nach robh sinn, oir bha luchd-eolais aig Sir Seumas anns gach ait agus ionad. Chunnaic sinn moran spreidh de gach seorsa, crodh-dubh, caoraich, agus eich; agus cheannaich mo mhaighstir na chuireadh stoc air an oigh- [TD 47] [Vol. 6. No. 6. p. 7] reachd aige air fad; agus cha ’n fhios domhsa c’ ait an cuir e an darna leth dheth, ach ’s e sin a ghnothuch-san? M.—Ach am bheil sgil aige-san air feudal? Am faithnich e deagh bheathach cruidh, no eich, no caorach? C.—Is ainneamh fear aig am bheil suil ni ’s fearr air each agus air damh, ach cha’n eil e co tur eolach air fior chaora mhaith. Ach dh’ earb e na bha a dhith air ri uaislibh thall agus a bhos gu bhi air an cur ’n a dheigh air muir aig an am fhreagarrach, agus le sin cha robh iad chum dragh sam bith dhomhsa, ach a mhain gu ’m fac’ mi iad; agus ma chunnaic b’ fhearr leam gu mor feudal nam beann Albannach; ach gach duine d’a thoil fein. M.—Bu mhor a b’ fheairrd thu do thuras Eireannach, a Choinnich, oir thug e eolas duit air daoinibh, agus air an cleachdannaibh—eolas nach faigheadh tu re linn ’s a’ Ghoirtean-Fhraoich. C.—Cha ’n eil teagamh idir air sin, agus cha robh mo shaothair caillte a thaobh gu ’m fac’ agus gu ’n cuala mi iomadh ni ris nach b’ urrainn thu gun ghaire a dheanamh. Tha iad ’n an sluagh air leth air son beumadaireachd, cas-fhreagairtean, agus geur-chainnte. M.—Is fhad o’n chual’ sinn mu thapachd agus mu theomachd nan Eireannach, ach is i mo bharail gu ’m bheil na buaidhean aca air an doigh so air am meudachadh thar tomhais, agus nach eil iad ach mar shluagh eile. Gun teagamh fhuair iad an t-ainm, agus tha deagh fhios agad-sa air firinn an t-sean-fhocail, “Am fear aig am bheil an t-ainm gu bhi ’g eirigh gu moch, gu’m feud e cadal a dheanamh gu h-oidhche.” C.—Tha sin uile gle cheart, agus gu sonraichte a thaobh an t-sean-fhocail, ach an deigh sin uile, fhuair mise iomadh dearbhadh, re mo cheilidh ghoirid ann an Eirinn, gu ’m bheil muinntir na rioghachd sin air an deacadh gu nadurra chum a bhi geur-bhriathrach, bearradach, agus thar tomhais beumach. Agus is iomadh gaire mor a thug iad air Sir Seumas a dheanamh, ’n am doibh a bhi labhairt ris anns a’ Bheurla, cainnt nach tuiginn-sa ach air mhodh neo-iomlan. M.—Tha mi ’g ad chreidsion, a Choinnich, ach chum a’ chuis sin fhagail gu uair eile an deigh so, theid sin dh’ ionnsuidh ni eile, agus ’s e so e, an cual thu idir na h-Eireannaich a’ labhairt na Gaidhlig? C.—A’ labhairt na Galdhlig! Ochan! bha iongantas orm air la araidh, air domh a dhol a mach a dh’ amharc mu ’n cuairt domh, an uair a bha Sir Seumas a’ deanamh ghnothuichean maille ri duin’-uasal o’n do cheannaich e feudal; thug mi an rathad-mor orm fad leth-mhile, eadar da riagh de chraobhaibh aillidh, dosrach, uaine, ard, agus thainig mi air seisear dhaoine calma, tapaidh, air an robh fallus a’ leasachadh an rathaid. Air domh dluthachadh riutha, thog iad an cinn, agus thubhairt iad rium ’s a’ Bheurla, “Is briagh, blath an la so.” Bha iongantas orm, gun teagamh, ach fhreagair mi gu siobhalta na fir, agus ghrad thoisich iad air an obair fein. Ach, feuch m’ iongantas an uair a chual mi iad a’ labhairt na Gaidhlig r’a cheile. Dh’ eisd mi, agus chunnaic iad gu ’n robh ioghnadh orm, agus an sin bu mhoide an seanachas aca r’a cheile a’ gaireachdaich, agus ag radh, “Is coigreach so, agus tha iongantas air ann a bhi ’cluinntinn canain nach eil e ’tuigsinn.” Bha gun teagamh iongantas orm an uair a chual mi a’ Ghaidhlig far nach robh duil agam rithe, ach bha mi ’tuigsinn a’ chuid bu mho dhe ’m briathraibh ged a bha iad ’g an labhairt ni ’s braise, agus ’g an gearradh ni ’s caise na chual mi a’ Ghaidhlig ’n ar duthaich fein. Ach co-dhiu, ann an uine ghoirid, thubhairt mi, “Tha mi ’faicinn, fheara, gu’m bheil Gaidhlig agaibh.” Thog iad an cinn, thilg iad am piocaidean air an lar, sheall iad orm mar gu ’m biodh adhaircean air mo cheann, leum iad air an aghaidh agus rug iad air mo dha laimh, agus thug iad crathadh cairdeil, cridheil dhoibh, ag eigheach, “Albannaich, Albannaich tha sinn toilichte d’ fhaicinn!” Dh’ fhan mi maille riu re uair na dinneir aca. Thug iad cuireadh dhomh a dhol maille riu gu tigh-osda a bha goirid o laimh chum deoch a ghabhail maille riu, ach dhiult mi an caoimhneas aca le taing, agus dhealaich sinn ’n ar deagh chairdibh. M.—Bha sin uile ro thaitneach, a Choinnich, agus tha mi gle chinnteach gu ’n robh iongantas ort a’ Ghaidhlig a chluinntinn ann an Eirinn. Ach thuigeadh iadsan thusa a labhairt ni b’ fhearr na thuigeadh tusa iadsan. Tha aitean ann an Eirinn far nach tuigeadh tu ach fior neoni dhe ’n chanain aca, agus aitean eile far an cumadh tu comhradh ris an t-sluagh direach mar a tha thu ag innseadh. C.—Ach tha chùis mar sin ’n ar duthaich fein. Cha dean mise a’ bheag de Ghaidhlig Chataobh, no de ’n Ghaidhlig a ta ’g a labhairt ann an Gleann-sithe, no ann am Braigh-Mhàrr goirid o Bhaile-Mhorair, caisteal na Ban-righ coir againn fein. Cha tuig mi ach neoni de bhardachd Rob Dhuinn, agus ochan, ochan, cha b’e Donnachadh Bàn againn fein, oir is ann aige-san a bha a’ Ghaidhlig bhlasda, ghrinn. “’S e Coire Cheathaich nan aighean siubhlach, An coire rùnach is ùrar fonn, Gu lurach, miad-fheurach, min-gheal, sughar, Gach lus a’s ur-bhlath is cùbhraidh leam.” (Ri leantuinn.) Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac Gilleain DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 48] [Vol. 6. No. 6. p. 8] Mo Thir. LE L. M. Is duthaich shaibhear, shuairc i, Tir ard nan cnoc ’s nan cruach i, ’S i aite-taimh nan buadh i, Mo dhuthaich ualail fein. Tha feara lughor, laidir, Tha mhathan banail, cairdeil, ’S bu shona dol do ’n bhàs mi, Air sgath mo dhuthaich fein. Cha ’n fhearann gruamach, fuar i, Ach ’s duthaich bhlath is bhuadhach, ’S i tir mo ghaol ’s mo luaidh i, Mo dhuthaich dhualach fein. Na ’n robh maise buadhar, Nam faigheadh ceart a duaisean, Cha toireadh neach do ’m fuath i, A nuas do m’ dhuthaich fein. O, ’s duthaich bheairteach aill i, ’S i ’n tir tha maiseach aluinn, Tir mhor nan sonn ’s nan armunn, Mo dhuthaich ghradhach fein. Cumha Iain Ghairbh Mhic Ghille-Chaluim Rarsaidh. LE ’PHIUTHAIR. ’S mi na m’ shuidh’ air an fhaodhlainn, Gun fhaoilte, gun fhuran; Cha tog mi fonn aotrom, O Dhi-haoine mo dhunach. SEISD— Hi-il ò ho bha hò, Hi-il ò ho bha ò Hi-il ò ho bha ò Hi-il ò ro hò bha éile. Cha tog mi fonn aotrom, O Dhihaoine mo dhunach; O’n a chailleadh am bàta, Air ’n a bhàthadh an cuiridh. O’n a chailleadh am bàta, Air ’n a bhàthadh an cuiridh; Gille-Calum a b’òige, ’S Iain mòr—mo sgial duilich! Gille-Calum a b’òige, ’S Iain mòr—mo sgial duilich! ’S i do ghuala bha làidir, Ged a shàraich a’ mhuir thu. ’S i do ghuala ’bha làidir, Ged a shàraich a’ mhuir thu; Cha’n ’eil h-aon ann an Albainn, Nach toir ainm air do spionnadh. Cha’n ’eil h-aon ann an Albainn, Nach toir ainm air do spionnadh; ’S ann an clachan na tràghad, ’Tha mo ghràdh-sa bho’n uiridh. ’S ann an clachan na tràghad, ’Tha mo ghradh-sa bho’n uiridh; Gun sìod’ air do chluasaig, Fo lic uaine na tuinne. Gun sìod’ air do chluasaig, Fo lic uaine na tuinne; ’S tu gun bhoinn air do léinidh, Cha ’n eil feum air a cumadh. ’S tu gun bhoinn air do léinidh, Cha ’n eil féum air a cumadh: Cha ’n iarr thu gu ’fuaghal, Bean-uasal no cruinneag. Cha ’n iarr thu gu fuaghal, Bean-uasal no cruinneag: Tha do chlaidheamh na’ dhùnadh, Fo dhrùchdadh nan uinneag. Tha do chlaidheamh na’ dhùnadh, Fo dhrùchdadh nan uinneag; Co ’s urrainn ga ’fhuasgladh, ’S nach gluais thu e tuille. Co ’s urrainn ga ’fhuasgladh, ’S nach gluais thu e tuille: Do chuid chon air an iallaibh, ’S cha triall iad do ’n mhonadh. Do chuid chon air an iallaibh, ’S cha triall iad do ’n mhonadh; Do fhrìth nam beann àrda, No gu àrd-bhéinn a’ chuilinn. Do fhrìth nam beann àrda, No gu àrd-bhéinn a’ chuilinn; ’S mi na m’ shuidh’ air an fhaodhlainn, Gun fhaoilte, gun fhuran. An Gille Dubh Ciar-Dhubh. Cha dirich mi brughach, ’S cha shiubhail mi mòinteach, Dh’ fhalbh mo ghuth cinn, ’S cha sheinn mi òran. Cha chaidil mi uair, O luan gu dòmhnach, ’S an gille dubh ciar-dhubh Tighinn fo m’ ùidh. ’S truagh nach robh mise, ’S an gille dubh ciar-dhubh; An aodainn na beinne Fo shileadh nan siantan; An lagan beag fàsaich, Nan aitigin diamhair, ’S cha ghabh mi fear liath ’S e tighinn fo m’ ùidh. Dh’ òlainn deoch-slaint’, A ghille dhuibh chiar-dhuibh Do dh’ uisge nan lòn, Cho deònach ’s ge b’ fhion e, Ged tha mi gun òr, Tha ni ’s leor tigh’nn d’am iarraidh, ’S cha ghabh mi fear liath ’S e tighinn fo m’ ùidh. Mo ghille dubh bòidheach, Ge gòrach le càch thu; Dheanainn do phòsadh, Gun deoin da mo chairdean; Shiubhlainn leat fada, Feadh lagan a’s fhasach, ’S cha ghabh mi fear liath, ’S tu tighinn fo m’ ùidh. Mo ghille dhubh laghaich ’S neo-raghainn leam t’ fhàgail, Na ’m faicinn an cuideachd thu, Thaghainn ro chach thu; Ged’ fhaicinn coig mil’, Air chinnt gur tu b’ fhearr leam, Cha ghabhainn fear liath ’S tu tighinn fo m’ ùidh. ’S luaineach mo chadal, Bho mhaduinn Di-ciaduin, ’S bruaileanach m’ aigneadh, Mur furtaich thu chiall mi. ’S mi raoir air dhroch leabaidh, Cha ’n fhada gu liath mi, ’S an gille dubh ciar-dhubh, Tighinn fo m’ ùidh. Grace Darling Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shàbhail Grace Darling agus a h-athair, le ’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha ’n obair sin, sàbhaladh-beatha, a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhi fior shona. Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan cuim. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. [TD 49] [Vol. 6. No. 7. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 13 OGUST, 1897. No. 7. As na h-Eileanan Coille, E. P. I. A CHARAID UASIL AGUS CHOIR,—Tha trustairachd de nair orm airson cho fada sa tha mi gun sgriobhadh thugad, ach ged nach toil leam a bhi gabhail leisgealan nam biodh agads’ an t-aobhar a thug orm an dàil a bhi cho fada, ghabhadh tu mo leisgeul air an turus so. Bha mi dol a sgriobhadh ann am mios na giblinn a chaidh seachad agus thachair Gàidheal coir rium, agus gheall e gun taoighleadh e agam air an t-seachdain a bha tighinn agus gu’n dugadh e dhomh ainm agus a dhollar gus cuir a dh’iarraidh a MHAC-TALLA. Cha’n fhaca mise mo charaid tuilleadh gu latha an Taghaidh, no mar a their na goill latha na h-Election. Bhruidhinn mi ris m’a dheibhinn, agus thug e an gealladh ceudna dhomh, ach tha mi faicinn nach eil e ’m brath tighinn. Cha ’n ’eil mi aig an àm a dol a radh cò e, an dòchas gu’n dig e fathast, ach mur a dig, tha mi smaointeachadh gu’n gabh mi a chomhairle a thug Calum Ruadh ort féin ,’na litir m’a dheibhinn an fheadhinn nach do phàigh MHAC-TALLA, gu’n cuir mi ’ainm agus a shloinneadh ann an litrichean mora dubh ann an ath uair a sgriobhas mi; oir tha fios agam gu bheil cuid de na Gàidheil gle fhulannach ann an gnothaichean dhe’n t-seòrsa ud gus a beanair do’n smior. Cha bhi mi ag radh tuilleadh an dràsta ma ’m bi mo litir tuilleadh us fada, a chionn tha mi a cur air adhart seann òran a dh’-ionnsaich mi bho ’m mathair gus a chur ’sa MHAC-TALLA. Cha’n fhaca mi riabh ann an leabhar e ach tha mi an dùil gur e Ailein Dall a rinn e. Bu ghle thoil leam fhicinn air a chlo-bhualadh, agus bu ghle thoil leam thu fhéin fhaicinn air chuairt air an t-samhradh so rithist; mo bheannachd leat féin ’s le MAC-TALLA an la a chi ’s nach fhaic. SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOIL. 8, 8, ’97. Litir a Ceap Nor. A CHARAID,—Faigh anns an litir so dolar, air son bliadhna eile de’n MHAC-TALLA. Bu choir dhomh bhi air a chur air adhart beagan roimhe so, ach mur bhiodh litir Chaluim Ruaidh—ge be co e—anns an àireamh mu dheireadh, cha’n ’eil fios nach cuirinn tuilleadh dail anns a chùis. Anns a gheamhradh s’a chaidh, ghreas Iain Ruadh a dholar air falbh as an àite so air eagal gu’n cailleadh e a fhradharc le bhi ’m fiachan do’n MHAC-TALLA, ach cha’n ’eil mi’ duil nach b’fhearr leam fhein gu mor tomhas de m’ fhradharc a chall na m’ ainm a chur sios ri aireamh na muinntir “nach do phaigh” mar tha Calum Ruadh a chomhairleachadh dhuit a dheanamh. Cha’n ’eil teagamh agam nach eil Calum gle cheart, ’s mar sin ’s glice do gach neach a dholar a chur air adhart na thrath. Tha fior chabhaig orm a sgriobhadh na litir so, ’s feumaidh sibh mo leisgeul a ghabhail air son i bhi cearbach; ’nuair bhios tuilleadh uin’ agam sgriobhidh mi rìs. Is mi &c, M. D. Bas gun Tiomnadh. Bha sid ann uair duine beairteach, agus chochail e gun tiomnadh a dheanamh. Bha a bhantrach air son a chuid saoibhreis a bhi aice fhéin, agus ’se rinn i a bhàs a chumail an cleith, agus fhuair i griasaiche bochd a bha ’sa choimhearsnachd gu dhol do leabaidh an duine mhairbh fhad ’sa bhiodhte ’deanamh tiomnaidh. Rinn an griasaiche sin, agus an deigh a chòmhdach air dhòigh ’s nach aithnichte e, thugadh fear-lagha a steach agus thoisicheadh. Rinn an griasaiche a ghuth cho fann ’s cho critheannach ’sa b’ urrainn da, ’s thòisich e air tiomnadh sid us so do’n bhantraich, gus an robh an oighreachd cha mhor uil’ aice. “Agus gu de nithear ris a chòir,” ars am fear-lagha. “An còrr” arsa ’m fear a bh’ anns an leabaidh, “tha mi fàgail ’sa tiomnadh do ’n ghriasaiche bhochd a tha ’fuireach taobh thall na sràide; bha e riamh ’na dhuine còir ’s ’na dheagh choimhearsnach, agus ’s beag an ni dhomh beagan de’m chuid fhàgail aige.” Bha a bhantrach feargach gu leòr ris a’ ghriasaiche air son e dh’ fhàgail dileab cho mor aige fhéin, ach cha robh math guth a thoirt air, oir ’s i ’n t-sloightearachd a bh’ anns a’ chuis air fad, agus mar sin fhuair an griasaiche a chuid de’n oighreachd cho math rithe fhéin. An t-Each. Theid aig each cumanta air mile choiseachd ann am fichead mionaid; theid aige air mile throt ann an sia mionaidean; agus ni e an t-astar ceudna air a chruinn-leum ann an ceithir mionaidean. Tha e cho trom ri seachdnar dhaoine, agus cho làidir ri coignear. Tàirnidh e naodh ceud punnd gun chuidhlean air àite còmhnard. Ni e uiread obrach ann an ochd uairean ’sa thogadh coig ceud tunna deich troighean bho’n làr. Tha e aig a lan mheudachd ’nuair a tha e coig bliadhna dh’aois; si àireamh a bhliadhnaichean sia deug, ach is tric leis a bhi beò gus am bi e thairis air coig bliadhna fichead. Is urrainn da bhi beò coig latha air biadh tioram gun uisge seachd latha deug gun bhiadh gun uisge, agus ceithir latha fichead air uisge gun bhiadh. Tha M. Faure, Ceann-suidhe na Frainge, ag ullachadh gu dhol air chuairt do cheanna bhaile Ruisia. Ach cha’n fhaic e an Sar air a thurus idir, oir tha ’n Urra Mhor sin mu’n àm cheudna, a fàgail St. Petersburg, ’sa dol taobh eile. Cho mor ’s gu bheil an cairdeas eadar an da dhùthaich, tha e coltach nach eileas a meas iomchuidh an luchd-riaghlaidh a leigeil cuideachd. ’S iongantach an càirdeas a th’ eatona; an Fhraing a tha air a riaghladh gu buileadh leis an t-sluagh, far nach cuireadh an sluagh suas le coltas righ no ban-righ thairis orra fad cheithir uairean fichead, na dlùth-charaid do Ruisia, dùthaich anns am bheil gach cumhachd-riaghlaidh, aimsireil agus spioradail, ann an laimh an t-Sàir, agus far nach dàna le duine beò a radh gur h-olc. ’S iomadh ni neònach a th’ ann, agus is so aon dhiubh. Chaochail duine saoibhir ann am Paris o chionn ghoirid le cràdh cridhe ’n deigh dha a chluinntinn gu’n do chaill e a chuid uile ach ceud mile franc, mu sheachd mile deug dolair de’n arigead againne. Bha fear de chàirdean a bha anabarrach bochd agus ’s ann air a thuit dileab an fhir a dh’fhalbh. Air dha-san sin a chluinntinn, chaidh e ’na leithid de bhoil leis an toileachadh ’s gu’n do chaochail e fhéin. ’Si ghlas a’s sine tha ri fhaotainn an diugh glas a bha ait aon de dhorsan Ninebheh. Tha an iuchair na deagh ultach r’a giùlan, mu thri troighean gu leth a dh’fhad, agus mu cheithir oirlich a thiuighead. Fhuaras mar an ceudna glas a bha ’m feum ’san Eiphit o chionn ceithir mile bliadhna air ais. Tha a’ ghlas agus an iuchair air an deanamh air fiodh. Bha am piobaire an déigh cuairt a thoirt air a phiob ’s an t-Eireannach ga éisdeachd. ’Nuair a sguir e, thuirt e, ’s e ’g amharc mu ’n cuairt le pròis; “Eh, dhuine, tha ’m port ud doirbh a chluich.” “Am bheil gu dearbh,” arsa Pat, “ma tá, b’fhearr leam fhin gu robh e cho doirbh ’s nach gabhadh e cluich idir.” [TD 50] [Vol. 6. No. 7. p. 2] SEALG BHEINN-EIDIR. Fionn le feachd na Feinne, Air cùl Bheinn-Eidir a’ sealg. Chuala mise roimhe so gu ’n deachaidh Fionn le feachd na Feinne la a shealg gu cùl Bheinn-Eidir. Thaghail iad air an uidhe a chur seachad na h-oidhche an tigh Abhchain bhig na bruinne. Bha cathair ann do gach triath ach Conan, ’s b’ eudar dhàsan suidhe gu leathan air leacan an urlair. Thòisich càch air fanaid air, agus air tilgeil smugaid na geilte air. Theann Conan ri carachadh a thoirt air fhein, ach ma threann, a mhic chridhe, cha b’ urrainn da glideachadh—bha shuidhe ’s a chasan air leanachd ris an urlar. An uair a chunnaic càch an orra-shuidhe bhi air a’ chulaidh-thruais a bh’ air na leacan, theab iad an clìth a chall leis a’ ghàireachdaich. “Bu mhi ‘pioc-an-coimheach,’” arsa Conan “ach na ’m biodh sibh air an aon dìol riumsa cha b’ urrainn duibh moran a a dhianamh air ur son fhein, ’s cha bhiodh sibh cho ro mhath air magadh.” An uair a chuala iad so, theann iad uile ri gluasad, ach cleas Chonain, bha an suidhe air leanachd ris na cathraichean, agus na cathraichean air leanachd ris an urlar. Chuir so a’ ghlas-ghuib orra, ’s dh’ àireamh Fionn an Fheinn. Dh’ ionntraich e dithis—Diarmad a’s Laothair, ’s shéid e corn-nam-fiùth. Am bial an anmoich, le tubaist air choirigin, mhearachdaich Diarmad a’s Laothair an Fheinn, ’s bha iad ag cumail air an aghart, gun dìon, gun fhasgadh gus an d’ thainig iad air sìthein faoin an iomall na frithe. Is ann ann an so a bha iad an uair a chuala iad an corn. Thuig iad gu ’n robh iomral no éiginn ’s a’ chùis; a’s togar orra, gun bhiadh gun deoch, ’s dianar caol dìreach air an àite as an cual iad an corn, tigh Abhchain bhig na bruinne. Rainig iad; ach ged a bhiodh iad fhathast a’ dol timchioll an tighe, cha’n fhaigheadh iad dorus, no uinneag, no toll air. Mu dheireadh thug Diarmad leum air mullach an tighe, ’s cuirear dìdeag a stigh air an fhàrlus, agus faicear na suinn ’n an suidhe gu soistinneach. Bheannaich e dhaibh, a’s bheannaich iad dhà; agus dh’ fharraid e dhiubh an ann an sid a sheid Fionn an cor. Thuirt Fionn ’s e freagairt gu’r h-ann, agus na ’m bu duine esan a bh’ air tì math, nach b’ ann romh ’n àm a thàinig e; ach na ’m bu duine e a bh’ air tì cron, gu’n robh gu leoir diante an sid mar a bha; agus an sin dh’ innis e mar a dh’ éirich dhaibh. “Innis dhomh-sa ma ta ciod is math leat mi a dhianamh, ’s cha’n fhàg mi iall gun tarrainn gu fuasgladh oirbh,” arsa Diarmad. “Rach a dh-fhaire àth na h-amhna ud shios, an nochd,” arsa Fionn, “agus innsidh mi dhut am màireach, ciod a bhios agad ri dhianamh.” Thuirt Conan, “Mur toir thu leat biadh a m’ ionnsaidh-sa, cha bhi buaidh ach ortsa no ormsa cho luath ’sa gheabh mi fuasgladh.” Dh’ fhalbh Diarmad a’s Laothair a dh-fhaire na h-amhna. Cha b’ fhada bha iad an sin an uair a dh’ fhairich iad fuaim mhòr, fioram, agus farum tàirneinich, clachan beaga a’ dol an ìochdar, ’s clachan mòra a’ tighinn an uachdar! Co bha ’n so ach an triùir a bu shine de mhic righ Lochlunn le feachd armailte. “Co an dà ludaire mhor a tha ’n so, a’ faire an àth mu ’n tràth so dh’ oidhche,” arsa na farbhlaich. “Is coma sin,” arsa Diarmad, “ach co an triùir mhac righ sibhse le feachd armailte a’ dol a chur an àth mu ’n àm so dh’ oidhche, ’s gu ’m bu chòir dhuibh gabhail mu thàmh an déis dol fotha na gréine.” “Is sinne,” ars iadsan, “triuir de mhic righ Lochlunn a’ dol air chuireadh gu cuirm ’s gu cuid oidhche gu Fionn Mac Cumhail ’s gu mhuinntir.” “Cha teid sibh an sin an nochd ach thair m’ amhaich-sa,” arsa Diarmad; ’s dh’ fharraid e de Laothair cia dhiubh a chasgradh e triuir mhac an righ, no am feachd. “Casgraidh mise triùir mhac an righ,” arsa Laothair. Thòisich an cath; agus mar a bu tiuighe iad, is ann a bu taine iad; agus mar bu taine iad is ann a bu trom-bhuailtiche iad; ’s mar bu trom-bhuailtiche iad, is ann a bu trom-mharbhtaiche iad; agus an àm éirigh na gréine cha robh ceann Lochlunnaich air coluinn no coluinn gun sgoltadh ’s gun àitheadh. An sin thog Diarmad a’s Laothair orra gu falbh. Mar a bha iad a’ tilleadh air an ais, gun mhir bidh gun diar dibhe, a’ smaoineachadh ciod a bheireadh fuasgladh do ’n Fheinn, tachrar maighdean Eilein-an-éisg orra, ’s cliabh de dh’ aran ’s de dh’ iasg aire. Bheannaich i dhaibh ’s bheannaich iad d’i, ’s tuitear i ’n trom ghaol air Diarmad ’s thugar dhaibh gun obadh an cliabh ’s na bh’ ann ’s bu bheag leatha e, gu fuasgladh air maithean na Feinne. Rainig iad tigh Abhchain; ach cha deachaidh iad a stigh, air eagal gu ’n tuiteadh iad cleas chàich, fo dhraoidheachd righ Lochlunn. Is e a rinn iad dol air mullach an tighe, agus an t-aran ’s an t-iasg a thilgeil a stigh air an fhàrlus dhaibh—fear an deigh fir. Cha robh teanga Chonain riabh fo ’chrios agus choisinn a mhì-fhoighidinn da ’s droch-uair so, deireadh riarachaidh. Bha Diarmad ’g a chur seachad air Conan, agus Conan ’s a’ ghlaodhaich, “Na ’m b’ ann mar sin a dhianadh tu air na h-igheanan cha bhiodh na mnathan cho trom an déigh ort.” Chuir Fionn an oidhche sin a rithist iad a dh’ fhaire na h-amhna, ’s thuirt e riu làn na cuaiche thoirt leo de dh’ fhuil mic an righ. Rainig iad an t-àth. Cha robh iad ach goirid an sin an uair a chuala iad fuaim mhor, fioram agus farum mar a chuala iad an oidhche roimhe. Ciod a bha ’n so ach an triuir a b’ òige de mhic righ Lochlunn le feachd armailte. Thuirt mic an righ, “Co an da ludaire mhor mhi-dhealbhach a tha ’n so?” “Tha sinne,” arsa Diarmad; “ach co sibhse, no c’aite tha sibh a’ dol le feachd armailte a’ dol a chur an àth, ’s gu ’m bu choir dhuibh gabhail mu thàmh an deigh dol fotha na gréine?” Is sinne,” ars iadsan, “an triuir is òige de mhic righ Lochlunn, a’ dol air chuireadh ga fleadh gu Fionn Mac-Cumhail ’s gu mhuinntir.” “Bidh fios co is treasa mu ’n cuir sibh an t-àth an nochd,” arsa Diarmad; ’s gun tuilleadh éisdeachd, thuirt e ri Laothair, “cia dhiubh a dh’ fhoghnas tu do mhic an righ no do ’m feachd?” Thuirt Laothair gu ’m foghnadh e do mhic an righ, ’s chaidh na suinn an dàil a chéile, ’s mar bu tiuighe na Lochlunnaich is ann a bu taine iad, ’s mar bu taine iad is ann a bu trom-bhuailtiche iad, ’s mar bu trom-bhuailtiche iad, ’s ann a bu trom-mharbhtaiche iad, ’s mu éirigh na gréine cha robh gin beo de na Lochlunnaich ach fear a bh’ air leth-laimh, ’s fear a bh’ air leth-chois. Thog iad làn na cuaiche de dh’ fhuil mic an righ ’s thill iad gu tigh Abhchain bhig na bruinne. An uair a ràinig iad ’s a dh’ innis iad an sgial, thuirt Fionn ri Diarmad e chur na fala ri buinn a dha chois fhein an toiseach, agus an sin e thighinn a stigh ’s e ’g a cur riuthasan, ’s gu ’m faigheadh iad fuasgladh. Is ann mar sid a rinn e. Bha Conan cho leamh ’s a b’ àbhaist le cion na foighidinn ’s gu ’m b’ e an deireagan; ach, cha bu luaithe a bhean an fhuil dh’ a chasan na thug e leum as, agus le neart na cabhaige lean a shuidhe ris na leacan. Bha e an sin ’s an ochanaich air feadh an tighe gus an do shuath Fionn an fhuil ris, ’s an do leighis e. An uair a fhuair an Fheinn iad fhein uidheamachadh, dh’ fhalbh iad air cheann an turuis, a shealg gu cul Bheinn-Eidir. Ràinig iad gun mhoille gun sgìos, agus chuir iad an fhaghaid gu dian, toirteil, ’s rinn iad làmhach air an robh ainm. An uair a chualaich ’s a chruinnich iad an t-sealg ’s a shuidh iad a sheanchus, faicear iad luidreagan luaineach, mi-dhealbhach a’ leum gach, feithe ’s a’ tomhas gach glaice, a’ dianamh orra caol dìreach. Thàinig e ’s bheannaich e dhaibh am briathran fiosnachail, fosnachail fior-eòlach. Bheannaich iadsan dàsan ’s na briathran ciadna. An sin dh’ fharraid Fionn d’e fàth a thuruis. Thuirt an Luidreagan gu ’n robh e dol air tòir maighistir. Dh’ fhaighnich e dh’ e an robh ceaird aige no ciod an tuarasdal a bhiodh e ’g iarraidh. Thuirt an Luidreagan gu ’m bu chòcaire e, ’s gu ’n gabhadh e muinntireas bliadhna ’s nach biodh e ag iarraidh de thuarasdal ach aon achanaich; agus chuir Fionn muinntireas bliadhna air. “Cha ’n fhaod i bhi trom, ma ta,” arsa Conan. “Fosadh ort, fhir chrìn a’ cnonais,” ars’ an Luidreagan, “mhothuich mi lorg do theanga cian mu ’m faca mi thu;” agus gun fheitheamh ris a chòrr a ràdh no eisdeachd togar eallach de ’n t-sithinn air a’ mhuin, ’s tàrrar dhachaidh [TD 51] [Vol. 6. No. 7. p. 3] cho luath ’s gu ’m b’ eudar do ’n Fheinn Caoilte chur as a dheaghaidh a chumail seallaidh air. An uair a bhiodh Caoilte air an darna fàireamh bhiodh an Luidreagan air an fhàireamh eile; agus mar sin gus an d’ ràineas an tigh. Cha d’ rug Caoilte riabh air; ach bha ’n t-ana-cothrom aige: bha aige ri feitheamh gus an tigeadh an Fheinn ’s an t-sealladh, agus a rithist tàrrsuinn an deaghaidh an Luidreagain. Ach a dh’ aindeoin an cabhaige, ’s cha bu bheag i, bha an t-sithionn air a gréidheadh rompa aig a’ chòcaire ùr. Bha iad fhein ’s an Luidreagan a’ tighinn air a chéile gu gasda—cha d’ fhuair iad còcaire riabh cho math ris. Ach coma, cha do ghabh e ach muinntireas bliadhna, ’s cha robh a’ bhliadhna fada dol seachad. An uair a ruith an ùine, thuirt Fionn ris an Luidreagan ainm a chur air a thuarasdal. “Ma ta,” ars esan, “fhuair mi cho suairce fiachail thu fhad ’s a thug mi fo d’ fhàrdoich ’s gu’r beairt is suaraiche dhomh d’ aoighealachd a dhìol le cuid oidhche thoirt dut.” Bha fios aig an Luidreagan gu math gu’n cumadh Fionn a ghealladh, agus thuirt e ris gu ’n robh e ag cur mar chroisean ’s mar gheasan air dol gun ghille, gun chù, gun duine ach e fhein ’n a ònrachd, ’s oidhche chur seachad aige. “Càite am beil do thigh,” arsa Fionn. “Tha an iomall an domhain,” ars’ an Luidreagan, “’s bì-sa ’g a iarraidh gus an amais thu air,” agus ghabh e a chead diubh. “Cha mhi nach d’ aithnich gu ’m faodadh an achanaich a bhi trom,” arsa bial na h-iomchoire, Conan. Cha robh comas air. Bha Fionn a nise deas air son falbh. Thuirt an t-amadan ris: “Co a bheir biadh dhomhsa gus an till thu?” “Bheir am fear aig am fàg mi ordugh na Feinne,” arsa Fionn. “O, nach fhaod mi dol comhla riut,” ars’ an t-amadan. “Is duine thu,” arsa Fionn, “Nach leig thu Bran ann, ma ta,” ars’ an t-amadan. “Is cù e,” arsa Fionn. “Nach toir thu, cia dhiubh, leat slabhraidh Bhrain, ma’s dìon an cù, ’s dìon a shlabhraidh,” ars’ an t-amadan. Thog Fionn air, ’s thug e leis an t-slabhraidh. Shiubhail e cian fhada, ’s fada nan cian, a’s làn fhada air forfhais an tighe, gus mu dheireadh an d’ ràinig e tigh righ Lochlunn. Cha d’ rinneadh furan no faoilte ris; is ann a ghrad-iarr an righ air fichead de na bh’ air a laimh dheis éiridh ’s a cheangal. Dh’ éirich iad, ’s cha d’ fhàgadh cathair gun bhristeadh no tarrang gun fheachdadh, ’s a’ chuid nach do phronn Fionn de na fir, chuir e ceangal nan tri chaol orra. “Eireadh dà fhichead de na th’ air mo làimh chlì,” ars’ an righ, “’s ceangladh iad am farbhalach.” Dh’ éirich iad, ach cha b’ fhada gus an robh iad air dìol chàich. “Eireadh ceithir fichead agus ceangladh iad e,” ars’ an righ a rithist. Dh’ éirich iad sid, ’s cha d’ fhàgadh cathair gun bhristeadh, no tarrang gun fheachdadh ’s rinneadh Fionn a cheangal. Thilg iad an sin fo’n chomhla e. Gach uair a dh’ fhosgladh i cha ’n fhàgadh i rib chraicinn air eadar mullach a chinn agus buinn a chas; ’s an uair a dhùineach i chuireadh i rithist air ais air e. Gu tuilleadh pianaidh a thoirt da, bhathas a’ tilgeil chnàmh air, agus an sin bhiodh na coin a’sabaid air a mhuin ’s ’g a thoirt as a chéile ’n a shreòicean. Is ann mar sin a chuir Fionn seachad an oidhche, ’s bu daor a cheannach air muinntireas an Luidreagain. Bha mac de ’n t-Seanghall-eòlach air fear de ’n chuideachd, ’s ’n uair a chaidh e dhachaidh ’s a’ mhadainn, thuirt e ri ’athair gu’n robh an t-aon duine bu bhriagha chunnaic e riabh air an aon dìol bu mhiosa chunnaic no chual e riabh, an raoir an tigh an righ ’s thuirt e ris nach b’ fhiach leis fhein a leithid a dhianamh air duine sa bith; air Fionn Mac Cumhail fhein mo dhearg nàmhaid, cha dianainn e—b’ annsa leam a chur thun a’ choin-ghlais aig Airc mac Donaich mhic Lir—loisgidh esan e le aon toth dh’a anail, mar uidhe sheachd mìle dha. Dh’ aontaich an righ so a dhianamh, agus thug iad Fiona leò brùite, créuchdach mar a bha e, an coinneamh a’ choin-ghlais. An uair a dh’ fhairich Fionn an cù a’ tighinn thog e slabhraidh Bhrain ’n a làimh. An uair a chunnaic an cù Fionn ’s ann a thainig e shodal ris, agus cha leanadh e duine no bean ach e. Co b’ e an cu glas ach bràthair do Bhran. Ghoid na Lochlunnaich e air an Fheinn ’s e ’n a chuilein. An sin chaidh Fionn a dh’ fhuireach do thigh Airc mhic Donaich mhic Lir, ’s thug e là a’s bliadhna ann, ’s an cu-glas ag glanadh a chréuchd ’s a’ leigheas a lot, gus mu dheireadh thall an d’ rinn e luim air corn-nam-fiùth a shéideadh. Bu dubhach, cianail an Fheinn fad na h-ùine sin a’ feitheamh ri sgial bho Fhionn; ’s bu shubhach aobhach iad ri cluintinn sgal a’ chuirn—ged a bu mhanadh na h-éiginn e, bu rabhadh gu fuasgladh, a’s thog iad orra ’s an Treachaill-mhara null thair tuinn do Lochlunn. Bha buaidh na h-aoighe riabh air Fionn an sòlas ’s an dòlas, ri coigrich ’s ri dàimh, agus, ’n a eirpleach mar a bha e, thàlaidh e cridhe Airc ’s a mhuinntreach, ’s bha iad uile fìor chaoimhneil ris. Là dh’ an robh bean-an-tighe ’s a’ choillidh a’ bleoghan nan gobhar, faicear i na h-aon daoine b’ eireachdaile chunnaic i riabh ag caitheamh chleas air an tràigh. Mu ’n gann a cheangail i an t-imdeal air a’ ghogan, thugar i as ’n a ruith ’s ’n a leum dhachaidh; ’s thuirt i ri Airc ’s ri Fionn gu ’n robh na h-aon daoine bu bhriagha chunnaic i riabh ag caitheamh chleas air an tràigh, ’s gu ’m b’ fhiach dhaibh dol a dh-aon ghnothach g’ am faicinn. Dh’ fhaighnich Fionn ciod a bu choltas daibh. Dh’ innis a’ bhean chòir an dealbh ’s an dreach mar a b’ fhearr a b’ aithne dh’i; “ach,” ars’ ise, “tha aon lasgaire mùirneach, donn ann, ’s mar is math mo chuimhne, ’s e Diarmad a chuala mi iad ag ràdh ris—an t-aon duine ’s àluinne air an do leag maighdean a sùil, no, ge mòr am facal e, a sheas riabh air tràigh Lochlunn. Thuig Fionn gu math co b’ iad na suinn a bh’ air an tràigh, ’s togar air g’ an ionnsaidh. Is dearbh gu ’n robh mùirn a’s aighir air an Fheinn, ’s nach bu lugha othail nan con, an uair a ràinig Fionn. An uair a dh’ aithris e dhaibh gach allaban, a’s mìomhadh, a’s drochd-ghiollachd a fhuair e, agus cruadal a sheas e bho ’n a dhealaich iad, thog iad socag thalmhainn, ’s dh’ éubh iad “aichmheil.” Cha do leig Fionn leo an aichmheil a thoirt am mach—cha b’ fhiach leis; ach an deaghaidh dhaibh taing a’s buidheachas a thoirt do dh-Airc air son ’aoidheachd, thug iad air an righ dol ’n am mèinn agus mathanas iarraidh. An sin thog iad na siùil ’s an Treachaill-mhara, ’s chuir iad an cùl ri tir nan geas; ach cha b’ ann a dheòin Chonain—b’àill leis-san nach fàgadh iad ceann air coluinn, no crom, no clach, no fardach gun chreach ’s gun losgadh. An uair a chaidh iad air tir, chuir iad ri theine tigh Abhchain bhig na bruinne: a’s chuir iad a rithist an t-sealg air cùl Bheinn-Eidir. Rinn iad fleadh mór, mùirneach, aighireach, ’s thug iad cuireadh do ’n càirdean uile, ’s do ’n daimhich, a’s mhair e là a’s bliadhna, agus ma ’s fhior na chualas cha tig ’s cha d’thàinig a leithid eile. COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. (Air a leantuinn.) M.—Sin thu fein, a Choinnich, feumaidh sinn la air chor-eigin an deigh so do chluinntinn ri rannaireachd, agus a’ gabhail oran, ach leigidh sinn leo sin aig an am so, gus an cluinn sinn tuilleadh mu Eirinn. Ach a nis, co a chual no ’chunnaic thu anns an rioghachd sin air do thurus, a dhearbh dhuit gu ’m bheil muinntir na tire sin ni ’s geur-bhriathraich, agus ni ’s ealanta ann am freagairtibh na muinutir eile? C.—Cha robh mise fad anns an duthaich sin mar a ta fios agad; ach an deigh sin, thachair mi air na h-uiread a thug barrachd gaireachdaich orm na ’s urrainn mi a chur an ceill, agus na ’n tuiginn iad gu ceart, cha ’n eil fios agam ciamar a dh’ fhàgadh iad mi. Air dol a stigh dhomh la araidh do bhuth greasaich, bha Eireannach bochd an sin, a bha air a sharuchadh co mor ’s gu ’n robh ’fhallus fein ’g a dhalladh, a’ tarruing air a chosaibh botan ura a bha tuilleadh ’s teann dha. Mu dheireadh, a’ lasadh le corruich, thilg e air falbh uaith iad gu ceann eile an tighe, agus ghlaodh e a mach ris a’ ghreasaich, “Ochan! cha ’n fhaigh mise na botan tubaisteach sin orm gu brath, gus an caith mi la no dha iad air mo chosaibh an toiseach!” M.—Bha sin gasda da rireadh, a Choinnich, agus bu mhaith an airidh Pat bochd air na botan fhaotuinn na ’n rachadh iad idir (Air a leantuinn air taobh 54.) [TD 52] [Vol. 6. No. 7. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 18 OGUST, 1897. A reir coltais tha Iubili na Ban-righ’nn an deigh feum a dheanamh do Chanada; tha muinntir Bhreatuinn na’s fiosraiche mu Chanada agus mu na colonies eile na bha iad riamh roimhe. Rinn Laurier, Promhair Chanada, a bhi thall, agus a labhairt ann an caochladh àiteachan air feadh na rioghachd, moran fiosrachaidh a thoirt do’n t-sluagh mu thimchioll na dùthcha so. Bha iad roimhe so dhe’n bharail gu’m bu dùthaich Canada nach robh comharraichte air son ni sam bith ach fuachd agus sneachda, ach tha iad air atharrachadh beachd a nise; tha fhios aca gur a dùthaich i a tha anabarrach saoibhir ann an iomadh dòigh, agus gu bheil i air a h-àiteach le sluagh a tha cho dileas do chrùn Bhreatunnn riutha fhéin. Tha sin uile gu math, agus cha’n urrainn nach dean e cuideachadh le Canada. Aon rud a thatar a smaoineachadh a ni e,bheir e airgead Breatunnach a nall na’s pailte na bha e roimhe so, bidh mèinnean ùra air am fosgladh leis, bidh ròidean-iaruinn air an togail, agus bidh iomadh obair eile air a cur air adhart nach gabhadh cur air adhart roimhe so le cion airgeid. Ma thig so uile mu’n cuairt, bidh cuimhne aig Canada air Iubili na Ban-righ’nn iomadh latha ’s bliadhna ri tighinn. Chaidh Priomh Mhinistear na Spàinne, Senor Canovas del Castillo, a mhort Di-dònaich s’a chaidh. Bha e ann am baile beag d’ am b’ainn Santa Aguedo, far an robh e dol a chur seachad tri seachdainean air son a shlàinte. Loisg am mortair tri urchraichean air, agus chaidh fear de na peilearan ’na cheann agus fear eile ’na uchd. Thuit e aig casan a mhnatha a bha còmhla ris, agus an deigh dha pian mor fhulang fad uair, chaochail e. B’iad na briathran mu dheireadh a labhair e, “Gu ma fada beò an Spàinn.” Chaidh am mortair a ghlacadh air ball; thug e seachad mar ainm dha fhéin Rinaldi, ach thatar a’ deanamh dheth nach e sin ’ainm idir, ach Colli. Bha e a feitheamh air son an gniomh oillteil a dheanamh agus cha do loisg e gus an robh e cinnteach gu’n rachadh aig air cuimse cheart a dheanamh. Bha an Priomhair ’sa bhean air tilleadh as an aoifhrinn,agus bha e leughadh ’sa seanchas ’nuair a chaidh a thilgeadh. Tha am mortair ag radh gu’m buin e do bhuidheann dhaoine a tha air son riaghladh na Spàinne a chur bun os ceann, agus gu’n d’ rium e an gniomh ud mar dhioghaltas air son àireamh de chompanaich a chuireadh gu bàs o chionn ghoirid. Tha Riaghladh Chanada a’ bruidhinn air tigh stòrais a thogail ann an Klondyke, tigh anns an ceannaichear an t-òr bho na méinneadairean gu bhi air a chur ma seach gus am faighear dòigh air a thoirt gu àite ’s an deanar feum dheth. Gheibheadh na méinneadairean a luach air a shon ann an airgead Chanada no airgead nan Stàitean. Bhiodh sin ’na dheisealachd mhor do na méinneadairean, agus ma ni an Riaghladh a leithid a thigh a chur suas, mi iad an rud a b’fhearr a ghabhadh deanamh, oir cha bhi aig an fear obrach an uair sin ri tilleadh dhachaidh le phocan òir mu’n faigh e a chuid airgeid air a shon, ach gheibh e a chreic cho luath ’sa bheir e as an talamh e. Tha an Riaghladh mar an ceudna a’ cur mu dheibhinn an t-àite a bhi air a chumail fo rian lagha, ni a tha gle iomchuidh, oir le sin a dheanamh, cha bhi an Klondyke idir cho mi-riaghailteach ’sa bha àiteachan eile do’n do dhòirt mòran sluaigh ann an ùine ghoirid; bidh beatha agus cuid dhaoine sàbhailte gu leòr ann. Ged a tha Iceland cho fada tuath tha e moran na’s blàithe na dùthchannan eile tha ’san aon àirde ris. ’Se tha dianamh sin, amhuinn bhlàth a tha ruith troimh ’n chuan Atlantach ris an canar an Gulf Stream; tha ’n amhuinn sin a falbh à Gulf Mhecsico, agus a dol a tuath; tha i bualadh air cladaichean Iceland am measg dhùthchannan eile, agus air a tàilleabh tha fiar agus bàrr eile a fàs gu math anns an dùthaich. Tha moran de ’n t-sluagh a deanamh an beòthachd air togail spréidh us chaorach. Thatar a’ cur moran de na caoraich do Bhreatunn na h-uile bliadhna. Cha’n eileas a’ lomradh nan caorach idir, ach toiseach an t-samhraidh tha iad a’ cur na cloimhe. Tha i air a trusadh an sin ’s ’ga cur gu feum. Tha rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa a tarruinn ùine mhor ann an réiteach chùisean eadar a’ Ghréig ’s an Tuirc. ’S i ’n fhirinn nach eil iad reidh am measg a cheile; ’nam bitheadh ’s fhada o’n bha an Sultan air striochdadh dhaibh, ach mar a tha, cha’n eil e ach a’ deanamh fanoid orra. Tha dotair ann an San Francisco ag radh gu bheil e air leigheas fhaotainn do’n mhisgeireachd. Tha e air stuth a dheanamh air fuil eich, a chuireas miann na dibhe làidir a pòraibh duine gu h-iomlan, agus a dh’fhàgas e mar nach do dh’òl e boinne riamh. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 53] [Vol. 6. No. 7. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh fear Tòmas Màrtuinn a bhàthadh ann am Boston air a 24mh latha de dh’ Iulaidh. Bhuineadh athair, nach eil beò, do Shidni. Tha a mhàthair agus a’ chuid eile de ’n teaghlach ann am Boston. Chaidh fear Seumas Mac-a-Phearsain a ghoirteachadh anns a Mhèinn a Tuath a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh, agus chaochail e an ceann latha no dha. Chaidh a thiodlacadh Di-màirt s’a chaidh; bha còrr us ceithir cheud duine air an tòrradh aige. Tha barrachd choigreach air chuairt ann an Ceap Breatunn air an t-samhradh so na bha ann o chionn iomadh bliadhna. Tha na taighean-òsda air an lionadh, agus ann am Baddeck gu h-àraidh, tha aig feadhainn dhiubh ri dhol air feadh nan taighean, oir cha ’n eil rum dhaibh anns na taighean-òsda idir. Chaidh gill’ òg, Aonghus Mac Neill, a ghoirteachadh gu dona anns a’ Mhèinn a Tuath, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, le a chas a dhol an sàs eadar da charbad guail. Bha a chas air a prannadh cho dona ’s gu’m b’ fheudar a toirt dheth. Is mac e do Niall Mac Neill, air an d’ thainig bàs gle aithghearr an Sidni Tuath air a’ cheud latha dhe ’n mhios. Chaidh fear Seumas H. Nixon, a mharbhadh leis a charbad-iaruinn ann am Moncton, N. B., Di-satharna s’a chaidh. Bha e ’g obair mu na carbadan mar bhrakesman. agus bha e ’na sheasamh air an rathad ’nuair a thainig carbad air a chùlaobh, a chaidh thairis air, ’ga ghearradh ’na dha leith, ’sa deanamh prannadh uamhasach air. Bha e beò da fhichead mionaid an deigh an sgiorraidh, agus bha comas bruidhne aige pairt de ’n ùine. Bha e seachd bliadhna fichead a dh’ aois, agus bha e roinn mhòr a bhliadhnaichean air an rathad. Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Ottis Dickey, a bhàthadh ann an Canning, N. S., aon la air an t-seachdain s’a chaidh, ’se snàmh anns an amhuinn. Bha e da bhliadhn’ air fhichead a dh’ aois. Aig Bear River, an siorrachd Digby, bha nighean òg, Ethel Clarke, da bhliadhn’ deug a dh’ aois, air a bàthadh ’si snàmh mar an ceudna. Ann a Nepigon, an Ontario, bha an t-Urr. Alasdair Grannd, ministear Baisteach a mhuinntir Winnipeg, air a bhàthadh seachdain romh ’n Di-ciaduin ’sa chaidh, le canù anns an robh e ’g iomaradh a dhol thairis. Tha iomadh neach a call a bheatha anns an uisge m’ an àm so dhe ’n bhliadhna. Thainig bàs muladach air fear Eli Worth, ann an Rossland, B. C., air an 29mh latha de ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e ’g obair ann am mèinn ùir a bha e fhéin us feadhainn eile fosgladh, agus chaidh esan sios a dh’ obair do ’n toll, anns an robh moran uisge. Bha aige ri obrachadh air seorsa de sgeilp a bh’ anns a mhèinn os ceann an uisge, agus an deigh dha dhol sios thug e rabhadh do fhear de chompanaich a’ bhucaid a thoirt suas as an rathad air. Rinneadh sin, ach ghabhadh àmharus air ball nach robh gach ni ceart, agus chaidh fear no dithis de na daoine sios. Bha iad shios coig mionaidean an deigh do ’n bhucaid a bhi air a tarruinn suas. Fhuair iad Worth fodha anns an uisge; thugadh suas e cho luath ’sa ghabhadh deanamh, agus rinneadh gach dichioll air a thoirt uige, ach bha an deò air fhàgail. Thatar a’ deanamh a mach gur e droch àile a bh’ anns a mhèinn a thug laigse air, agus mar sin chaill e a bheatha. Bha dithis bhràithrean dha ag obair faisg air laimh, agus bha iad ri thaobh beagan an deigh do ’n sgiorradh tachairt. Bhuineadh Worth do Mhabou, air an eilean so, far an d’ fhuair e bhreith us àrach. Chaidh adhlacadh leis na h-Oddfellows, agus chaidh clach a chur aig ceann na h-uaighe, agus caibeal grinn m’a timchioll. Tha còrr us da cheud gu leth tigh ann am baile Halifacs gun duine fuireach annta, mu thri fichead a bharrachd air na bha mar sin an uiridh; agus tha ceud us ceithir air fhichead de bhùithean-ceannachd dùinte am bliadhna an àite ceud ’sa tri an uiridh. Tha am bradan cho pailt ann an cearnan de Cholumbia Bhreatunnach ’s gu faighear fear a thomhaiseas fichead punnd air da shent. Thatar ’g an tilgeil ’nam miltean air ais dh’ an uisge, le cion ’s nach faighear creic dhaibh. Shaolamaid gu sguireadh iad a bhi ’gan glacadh idir. Chaidh corp duin’ òg d’ am b’ ainm Iain D. Hunter fhaotainn faisg air Winnipeg o chionn ghoirid, agus gunna ri thaobh. Bhatar a’ smaoineachadh an toiseach gu ’m b’e tigh’nn ri bheatha fhéin a rinn e, ach tha amharus làidir a nise gur e mhort a rinneadh, agus gur e companach dha fhéin a rinn e. Tha moran sluaigh a sior fhalbh gu Klondyke. Ged a tha ’n geamhradh a dlùthachadh, agus nach fhada ’n ùine gus am bi na h-aimhnichean air reothadh anns an dùthaich fhuar ud, cha ’n eil sin a’ cur tilleadh sam bith air luchd-siridh an òir. Tha Riaghladh Chanada a’ cur a mach buidheann de mhaoir-sithe gus rian a chumail air an t-sluagh. Tha àireamh mhor de mhèinneadairean guail ’nan tàmh anns na Stàitean o chionn còrr us mios, a’ diùltadh obrachadh gus an réitichear cùisean eadar iad fhéin ’s luchd-seilbh nam mèinnean. Tha gnothuichean air fas gle mhi-rianail ann an aiteachan. Ann an cearnan de Illinois, tha an lagh siobhalta air a chur a thaobh, agus lagh an airm air a chur ’na àite; tha na mèinneadairean air campachadh mar gu ’m biodh feachd airm, agus ann an àite no dha tha còrr us mile dhiubh cruinn. Tha iad a’ cur rompa nach leig iad le car obrach a bhi air a dheanamh anns na mèinnean gus an teid iad fhéin air an ais. Tha duine tha sgriobhadh gu Casket Antigonish, á Glace Bay, ag radh gu bheil a fuireach anns an àite sin càraid a tha gu math aosda, Micheil Mac Neill, agus a bhean. Tha esan ceud bliadhna ’sa dha a dh’ aois, agns ise ceud ’sa dha dheug. Tha iad le cheile gu slàn, fallain, agus coltas orra gu mair iad àireamh bhliadhnaichean eile. Rugadh iad ’san ochdamh linn deug, agus ’se ’s dòcha gu faic iad an fhicheadaibh linn. Tha Micheil fhéin a h-uile latha a’ coiseachd mile dh’ astar do ’n aoifhrinn. A’s t-earrach s’a chaidh, chuir e leis fhéin da bhuiseal buntàta, agus thug e ’n leasachach a chaidh air do ’n ’phàirce le barra-roth. Iadsan a Phaigh. Bantrach Iain Mhic Dhiarmaid, Stirling. Iain I. Mac Neill, Gleann Bharra. Iain D. Mathanach, St. Peter’s. $3.00 An Siorram Buchanan, Sidni. $2.00 Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien. Murchadh Domhnullach, Ceap Nor. Aonghas Domhnullach, an t-Eilean Mor. Alasdair Domhnullach, Amhuinn a Bhradain, 50c Ceit R. Dhomhnullach, Catalone, 40c Tormaid Mac leoid, Meinn Victoria. Domhnull Mac Ille-ghlais, Stellarton, N. S. Eachunn Mac Fhionghain, Stellarton, N. S. D. Mac Rath, Vancouver, B. C. Iain Skinner, Ottawa, Ont. $4.00 I. S. Mac Ille-dhuibh, Pomona. Seumas A. Mac Ille-mhaoil, Eileanan Coille, E. P. I. Dr. Fearchar Mac Fhearghais, New York. $2.00 Iain G. Mac Eachuinn, Woburn, Mass. Iain Rothach, Rudha Mharsden, New Zealand. Alasdair Kempt, Waipu, New Zealand. Cailean Siosal, Lunnuinn, Sasuinn. Miss M. M. Bartlett, Lunnuinn, Sasuinn. Tearlach Mac Aoidh, Lunnuinn, Sasuinn. (3) Ian Mac Coinnich, Lunnuinn, Sasuinn. (7) E. Hepburn, Lunnuinn, Sasuinn. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .30 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 54] [Vol. 6. No. 7. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 51.) m’a chosaibh, ach ciod tuilleadh? C.—Ciod tuilleadh! So agad, ma ta, a Mhurachaidh: Bha balach beag Eireannach aon la air an t-sraid a’ ranaich gu goirt an uair a chunnacas e le ban-tighearna sheirceil a’ bha ’gabhail na slighe. Labhair i ris, agus thubhairt i, “Ciod a tha ’cur ort, a bhrogachain thruaigh, an uair a tha thu a’ gal mar sin?” “Tha mi ’gal a chionn gu ’n do chaill mi sgillinn a thug mo mhathair dhomh an diugh.” “Bi samhach, bi samhach, mo ghiullan bochd, agus so dhuit sgillinn eile ’n a h-aite,” agus dh’ fhalbh i. Cha deachaidh i ach beagan shlat air a h-aghaidh an uair a chual i am brogach ag eigheach ni ’s cruaidhe na rinn e riamh. An sin, phill a’ bhan-tighearna gu h-ealamh air ais, agus dh’ fhoighneachd i dhe ’n bhalachan ciod a bha cur air a ris; agus thubhairt e, “Tha direach so, a bhean-uasail, mur caillinn a’ cheud sgillinn, bhiodh a nis da sgillinn agam.” M.—Bha am brogach bochd airidh air an sgillinn eile fhaotainn, agus a reir coslais fhuair se i. Ach a nis, a Choinnich, faigheamaid aon sgeul eile, agus an sin bithidh sinn, le beannachd, a’ bogadh nan gad. C.—Na ’n ceadaicheadh uine bheirinn na ficheadan dhe ’n leithidibh sin duit, a Mhurachaidh, a chunnaic mo dha shuil fein; ach aig an àm so foghnaidh aon sgeul eile. Bha Eireannach ann an ait’ araidh, cha ’n eil cuimhn’ agam air ’ainm, ach rinn e cordadh air son suim shonraichte airgid chum tobar a chladhachadh ann an ionad a chaidh fheuchainn da; agus bha ’n toll gu bhi da fhichead troidh ann an doimhne, chum an t-uisge a ruigheachd. An uair a chladhaich e sios dluth air an doimhne sin, thainig e air maduinn mhoich, agus chunnaic e gu ’n do thuit an uir a stigh gus an robh an toll gu bhi lan, agus ochan, is e a bha cianail, dorranach da rireadh. Ach ghrad bhuail innleachd ’n a cheann ciod a dheanadh e. Sheall e mu ’n cuairt da air gach taobh, agus cha ’n fhac e mac mathar am fad no ’m fagus. An sin, thilg e dheth a’ chuid a’s mo dhe ’n eudach aige, agus chroch e suas air craoibh e goirid o bheul an tuill, agus dh’ fholuich se e fein ann am meadhon pris a bha am fochair an tobair. Cha b’ fhad gus an d’ thainig muinntir an rathad, agus chunnaic iad an toll air a lionadh leis an ùir a thuit a stigh, agus bheachdaich iad air an eudach aig Pat bochd air a’ chraoibh. Thogadh glaodh cianail, agus ruith iad thall ’s a bhos a chruinneachadh sluaigh, oir cha robh teagamh aig neach, nach do thuit an uir a stigh, agus nach do mhuchadh Pat bochd ann an iochdar an tuill. Chuir iad ris gu maith agus gu ro-mhaith. Chruinnich iad cuinneagan, agus taoid, sluasaidean, agus gach inneal air am b’ urrainn iad greim a dheanamh, agus dh’ oibrich iad gun sgios gun sgur, agus ann an uine nach robh fada, rainig iad grunnd an tuill, ach bha iongantas gun choimeas mor orra nach robh Pat Murphy ri fhaicinn an sin beo no marbh. Air do ’n obair a bhi criochnuichte, ghluais Pat gu ciuin, socaireach a mach as a’ phreas, agus thug e moran taing do ’n luchd-oibre air son an caoimhneis agus an dichill ann an cuideachadh leis mar a rinn iad. M—Mile taing, slaint is furan duit, a Choinnich, is gle thaitneach na nithe sin uile, an uair a bhios iad air an deagh aithris, mar a rinn thusa. Ach tha mi ’n dochas gu ’m bheil la maith eile a’ tighinn fathast, agus gu ’n comhlaich sinn a ris r’a cheile, chum barrachd naidheachd a bhi againn. Ma tha thu ’cur romhad an Goirtean-Fraoich a thoirt ort an nochd, cha ’n eil uine ri chall oir tha ’n t-slighe fada, agus an rathad garbh. An dochas gu ’m faigh thu Seonaid, na paisdean, agus an crodh, gun dith, gun deireas; beannachd leat, a’ charaid dhilis; agus gu ’m bu maith a ruigeas tu dhachaidh!—ALASDAIR RUADH ’sa Ghaidheal. NA H-AOIREAN. (Air a leantuinn.) Cha’n ’eil teagamh nach ’eil baigh againn ri ceol na pioba nach tuig coigrich; agus cha’n ioghnadh e. Tha a sgal ceangailte ris gach gniomh ’n ar n-eachdraidh is toigh leinn a bhi gleidheadh air chuimhne. Sheinn ar baird a cliù. Is cuimhne leat mar thuirt Mairi-nigh’n-Alastair-Ruaidh: “Piob nuallanach mhòr, Bheireadh buaidh air gach ceol, ’Nuair ghluaiste’ i le meoir Phadruig.” Agus Donnachadh Ban: “’S i piob nam feadan siubhlach, A bhuidhneadh cliù ’s a champ, Air thoiseach nan laoch ùra ’S meoir lughmhor dlù ’n an deann.” &c Chuir Tormoid Mac Leoid, ’n a chanain bhlasda fein, ann am beul Fhionnlaidh Phiobaire, a bhaigh ris a’ cheol so. Gu ma fada bhuainn an latha anns a labhair Gaidheal suarach mu’n phiob, no anns an eisd e r’a sgal gun togradh. O chionn iomadh ceud bliadhna tha i fuaighte r’ar caithe-beatha air doigh ro shonruichte, Cha bhiodh, o shean, cuideachd cruinn gun am piobaire, co-dhiu a b’e aighear no bròn a ghluais orra. Aig gach àm a bu chudthromaiche agus a bu sholuimte ann an caithe-beatha ar n-aithrichean bha a’ phiob agus am piobaire a lathair a thogail an sunnd no a dh’eutromachadh sac a’ bhroin. Aig bangaid, aig banais, agus aig tiodhlacadh cha tigteadh as a h-eugmhais. A mach ás an rioghachd cha’n ’eil cearn de’n t-saoghal air an do chuir Gaidheal a chos, agus co an cearn air nach do chuir e chos, anns nach cualas nuallan ard na pioba. Neartaich i mhisneach agus thog i chridhe ann an iomadh tir chein agus air iomadh laraich chruaidh. Cha chomharra maith air a’ Ghaidheal ma bhitheas e call a thlachd de’n phiob. Creididh mi gur gann a bha uiread meas aig na baird air na piobairean agus a bha aig a’ chorr dhe’n t-sluagh. Ach cha saoil mi gu’n dearbh an dà aoir a dh’ainmich mi gu’n robh a’ phiob agus na piobairean suarach ann an suilean nam bard. Bha Niall Mac Mhuirich air ùr thilleadh á Eirinn. Bha e ’n a luidhe leis a’ bhric, agus ’n a chodal. Thainig dithis de Chloinn-Artair an rathad; shuidh iad air gleusadh am pioban. A nis cha toilinntinn mhor sam bith do neach tinn a bhi air a dhusgadh ann am bothan cumhann, le dà piobaire a’ gleusadh an cuid phiob. Cha robh Mac Mhuirich toilichte agus, tinn agus mar a bha e, thoisich e air innseadh sloinneadh na pioba ann an rann. B’e aodraman muice a cheud mhala; an sin craiceann seana mhuilt. “Cha robh an uair sin anns a’ phiob, Ach seannsair agus aon liop, Agus maide chumadh nam fonn Da’m b’ainm an sumaire.” Uaithe sin chinn na tri chroinn “Fear dhiu fada, leobhar, garbh, Ri durdan reamhar ro shearbh.” Ach ’s e “Piob sgreadanach Iain Mhic Artair” agus “crannaghail bhreoite” Dhomhnuill Mhic Artair a dhuisg corruich a’ bhaird agus a fhuair a chuid mhor d’a rann eisgeil. Chuir am bard, ma’s fior an sgeul, an teicheadh air na piobairean. Air a cheart doigh cha b’e run Iain Mhic Codruim a bhi caineadh nam piob no nam piobairean, ach a mhain piob Dhomhnaill Bhain, agus Domhnall Ban fein mar phiobaire: “Cha’n abair mi tuillidh, Gu di-moladh phioban, Ach leigidh mi chluinntinn, Gu’n phill mi Mac Phail.” Tha e coltach gu’n do rinn fear Iain Mac Phail oran a’ moladh Dhomhnaill Bhain agus a phioba. Ma dh’fhaodte nach robh moran suim aig Mac Codrum do Mhac Phail, agus cha robh a bheag de mheas aige air Domhnull Ban. Co-dhiu cha do chord ris mar a mhol am bard am piobaire: “Dh’fhag e Mac Cruimein, Clann-Duilidh ’us Tearlach, ’Us Domhnullan Bàn, A tharruing gu prìs.” Tha am bard a’ toirt dhuinn eachdraidh na ceart phioba so: “Diudhadh nam fiuidhidh Bha aig Tubal Cain, Nuair sheinn e puirt Ghaidhlig ’S a dh’alaich e phiob; Bha i tamull fo’n uisge ’Nuair dhruideadh an airce, Thachair dh’i cnamhadh Fo uisge ’s fo ghaoith.” Bha i treis aig Balàam a reir coltais; agus chuir e iongantas orm nach dubhairt am bard gur e ràn na crannaghail so a chuala am faidhe breige an uair a shaoil e gur e ’n asail a bha labhairt. Bha a ceol searbh: “Shearg i le tabhunn, Seachd cathan nam Fianntan; ’S i lagaich a’ chiad uair Neart Dhiarmaid ’us Ghuill.” [TD 55] [Vol. 6. No. 7. p. 7] Aig meud air baigh ri ceol na pioba cha bu mhaith leam gu’m rachadh “Di-moladh Piob Dhomhnuill Bhain” air di-chuimhne. Tha’n aoir cho maith agus gu’n faic sinn an call a tha againn nach ’eil “Aoir nan Taillearan,” a rinn Iain Mac Codrum ri fhaotainn. Mar thuirt mi cheana, cha tig na h-aoirean Gaidhealach a nios ris a’ chorr d’ar bardachd ann an cumhachd no ann am maise. ’S ann leis a chlaidheimh no leis a’ bhiodaig a bu trice a fhreagradh an seana Ghaidheal fochaid no mi-mhodh. Agus ged chaidh latha a’ chlaidheimh agus na biodaig seachd cha d’thainig latha na teanga fathast. Cha’n fhaighear ann am moran aitean freagradh na’s deise agus na’s geire na gheibhear anns a’ Ghaidhealtachd. Cluinnear fearg ’us corruich ann an cainnt sgairteil ’nar measg gu tric. Ach togaidh an aoir guirean air aodann a’ Ghaidheil an duigh, mar a dheanamh an Glam Dichinn air aodann an Eirionnaich o chionn coir agus mìle bliadhna. Thugadh thairis do na baird a bhi deanadh tair air na ciontaich. Mhi-bhuilich na baird an dleasdanas gu ro-thric; agus cha d’fhas e na b’usa leis a’ Ghaidheil an aoir fhulang. Tha mi smuaineachadh gu bheil cearn no dhà meag gu bheil so duilich air doigh no dhà d’ar caithe-beatha a b’fheairrde a bhi air a rannsuchadh ann an spiorad na h-aoir. Tha moran de leanabas, de fhein-speis, de fhaoineis shuarach ’nar measg nach maireadh beo seachduin na’m biodh an aoir air a h-uisneachadh ’n ar measg mar bu choir dh’i.—D. M’K. ’sa Ghaidheal, 1877. Beannachd Dheireannach an Eilthirich. LE EOBHAN MAC COLLA. Bha long nan crann caol Mach o Mhaol dubh Chinn-tìre— Air bòrd bha iad lìonmhor Dh’ fhàg tìr nam beann árd; Bha ’ghrian ait gu leòir, Anns a’ mhòr-chuan a’ sioladh Ciod uime tha mi-ghean Air laoch a’ chùil bhàin? Cha ’n e an cuan dùmhail Dh’ fhàg Dùghall fo champar— ’S e fàgail a dhùthcha, Fhliuch sùilean an t-seann-duin’, ’S e ’coimhead, fad uaithe, Nan cruach b’ fheàrr leis teann air— Tir bhoidheach nam beann, Ris nach till e gu bràth. A dhùthaich mo rùin, Arsa ’n diùlanach duaichnidh, Co air nach biodh smuairean A’ gluasad o d’ thaobh? Droch dheireadh do ’n ghràisg Tha ’g ad fhàsachadh ’n uair so! ’S e ’n droch-bheairt thug uam-sa Gleann uaine mo ghaoil. Mo chreach! o nach buan Ar sean-uachdarain treunail, ’S am fonn bha ’n an sealbh Nis aig balgairean breunail; Tha Gàidheil ’g am fògradh Mar cheò bhàrr do shléibhtean, ’S ma lean riut cinn-fheadhn’, ’S ann air caoirich is féidh! O Albainn! ’n àm dùsgadh Thoirt sgiùrsadh do d’ nàimhdean, Co eil’ ach an Gàidheal— Na Gàidheil ’s gach cruas! An cuimhn’ leat gach cruaidh-chath ’S an d’ fhuair iad buaidh-làrach. ’S a nis bhi ’g am fògradh O d’ chòrsa, ’n e ’n duais? ’G am fògradh air sgàth Barrachd màil ann am pòca Nan triath air bheag nàir’ Dh’ fhàg ’n a fhàsaich tir m’ òige! B’ e ’cur eadar màthair ’S a ceud leanabh bòidheach, B’e ’n rùsg thoirt o’n chraoibh Bhi an éiginn dol uait! ’Thir steallaireach, alltach, Ard-choillteach, thiugh-sprèigheach— Thir àiridheach, fhraoch-shliosach, Ghorm-lochach, àrd; ’Thir bhreacanach, cheòlraideach, Oranach, aoidheach, Bu tu tir nan sgeul— Dachaidh ghreadhnach nam bàrd! Ach co an tir chéin A ni ’n sgeulachd a dhùsgadh? Co thogas dhuinn òran Tim bròin no tim sùgraidh? Co sguabas na teudan Le caol-mheura siùbhlach, No chuireas air seinn Piob mhòr bhinn nan dos àrd? O m’ òige! ’s tu mheall mi; ’S beag, aon uir, a shaol mi Ri dachaidh mo ghaol Bhi ’s an dòigh so ’cur cùl— Gleann gorm nan ban bòidheach Fhuair còir air bhi beul-bhinn Mar uiseag nan speuran Tràth céitein nam flùr. O m’ anam! ’d e’m feum dhuit ’Bhi meòdhrachadh suaimhneis— Feall-shonas a dh’ fhàg thu Gu bràth is bu luath sin! Cha phill e an t-òg-mhios Air ròsan bhi ’bruadar; O, imrich na truaigh, B’ fheàrr an uaigh leam na thu! A rionnag ud shuas, ’S tuille ’s luath rinn thu dùsgadh! Tha ’n oidhche a’ dùnadh uam Dùthaich mo ghaoil; Tha ’gheallach gu càirdeil A snàmh thar a stùcan Ach monadh no stùc Nis do m’ shùilean cha léir! A lòchrana aoibhinn! ’S ann ribhse tha m’ fharmad— Ged ruaigeas an là sibh A làth’r tìr nan garbh-chrioch, Gu ’m pill sibh gu gàireach ’Chur fàilt’ oirr’ gach anamoch; Mo thruaigh! cha bu shearbh Ach bhi ’falbh uaip’ a chaoidh! A Bhan-righ nan cuan, Beannachd buan leat! ach cuimhnich An ath uair a dh’ aomas Luchd-streupa ’n ad dhàil, Bidh d’ ionndrainn, gun stàth, Air na h-àrmuinn a sgaomadh Do naimhdean mar sgaomas Gaoth éitidh an càth! Uair eile, ’s gu bràth, Beannachd bhlàth leat, mo dhùthaich! Ged robh gu Là’-luain Falach-cuain ort bho m’ shùil-sa, Gu deireadh mo chuairt, Gearr no buan, bidh mi ’g ùrnuigh, O! Ard-righ nan dùl, Beannaich dùthaich mo ghràidh! D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 56] [Vol. 6. No. 7. p. 8] Laoidh. Ri d’ thaobhsa, Iosa, seasam fhéin; Ad sheirbhis fanaidh mi a ghnàth; Air falbh cha toir mi uiread ’s céum; Gach ré bidh gréim agam de d’ làimh. Beatha mo bheatha ’s tu gu léir, Smior m’ anma agus m’ uile chàil; Mar shnodhach ’direach suas o’n fhreumh, Tre mhèur na craoibh gu ruig a bárr. Fan thusa dlùth dhomh ’n teas am là, Bi dlùth ’n uair chromas sios a’ ghrian, Air feasgar ’n uair a shìneas sgàil, ’S an oidhche dhubh mu ’n t-saogh’l ag iadh’. O càirich air mo cheann do làmh, Trath tha mi airtneulach ’s gun chlì; Is beothaich mi, ri m’ chridh’ ag ràdh, “Do m’ dhachaidh àird bheir mis’ thu ’n sith.” Bi dlùth, ’s ad chaomh-uchd tog mi suas, ’N uair bhios mi ’crith roimh fhuachd a’ bhàis— Fuachd mar an oidhche reòdhta, chruaidh, Aig eadar-sgarachdainn nan tràth. ’N uair dhùineas duibhre thiugh mu ’n cuairt, Bi fhéin ad sholus air mo chéum, Chum orm gum baoisg a’ mhadainn shuas, Mar ’dhachaidh dhàsan ’bha ’n tìr chéin. Am Maraiche ’s a Leannan. LE MAIRI NIC-EALAIR. FONN:—Nighean Bhan Dhail-an-eas. O, ’s mairg tha ’n diugh feadh garbhlaich, ’S ri falbhan a measg fraoich; ’Us gaithean gréin’ gu h-òrbhuidh A’ dòrtadh air gach taobh. Gu’m b’fheàrr a bhi air barr nan tonn Air long nan cranna caol; ’S a’ faicinn nan seòl ùra Ri sùgradh anns a’ ghaoith. O, ’fhleasgaich òig, gur gòrach leam Do chòmhradh anns an uair, An fhraoch-bheinn ghorm ga ’samhlachadh Ri gleanntan glas a’ chuain; ’S gur tric is aobhar caoinidh leam A h-aon dh’ an d’ thug mi luaidh, ’Bhi as mo shealladh fad air falbh Air bharraibh garbh nan stuadh. A rimhinn òg dh’ an d’ thug mi gaol, B’e ’bhi ri d’ thaobh mo mhiann, Bho ’n chiad là riabh thug mi dhut speis, Bu tu mo réul ’s mo ghrian, Ach taobh ri taobh, a luaidh ri d’ ghaol, Tha m’ aigne ’g aomadh riabh. Gu marcachd nan tonn dùghorm A dh’ aindeoin dùdlachd shian. O, leam bu mhiann a bhi ’s an luing, ’S an stiùir a bhi na m’ làimh, An uair bhios muir gu nualanach, Na ’glinn’s na stuadhan àrd, A’ brùchdadh barra-gheal fo a sròin, ’S le crònan seach a sàil; I ’g éirigh eutrom air gach tonn, ’Us fonn oitre ri gàir’. I ’g éirigh eutrom air an t-snàmh, Mar eala bhàin ’s a’ chaol; Gach sgòd aice a mach gu ’cheann, ’S gach seòl a’ tarrainn gaoith’; I ’falbh le cuinnein fiadhta Thair tuinn a b’ fhiadhaich gaoir, Mar stéud-each cruidheach, uaibhreach, A thug mu ’chluasa ’n taod. ’Us ged a bhrùchdadh gaothan oirnn Le neart nam Faoilleach fuar, ’Us toirm na bagairt’ bàsmhoire ’Bhi ’m bàirnich ard nan stuadh, Le marachd mhath ’us cùram, Gheabh an iùbhrach ghasd a’ bhuaidh; ’S thig fearalachd ’us mòralachd Ri linn na comhstrith cruaidh’. ’S an uair a thigeadh sìochaint, ’S a bhiodh grian a’ deàrsadh caoin, Gu ’m b’ aotrom ’bhi le ceòl ’us sunnd ’Cur siùil ri slatan caoil; ’S an uair a bhiomaid diomhanach, Mo dhriamlach thair a taobh, ’Us mi gu h-ait a’ seinn le fonn, “Mo nighean donn mo ghaoil.” “O, ’òigeir ùir, nach éisd thu rium, Ged ’s mòr do spéis do ’n chuan, Cha mhair an òige daonnan, ’S ’n uair ’thig an aois le gruáim, Gur bochd an obair seann-duine ’Bhi mach feadh ghreann nan stuadh Fo chathadh geal nam bòc-thonna Tre ’n oidhche reòdhta fhuar. “O, ’s mairg ri dorchadas ’us stoirm, ’Bhios air a’ chladach leis Na gàirdeanan ’bha làidir Air failneachadh gun treis’, Tigh-solais air an fhuaradh, ’Us gaoth a’s cruaidhe fead Ga ’n sparradh chain an fhuathais ’S an long mu ’n cuairt cha leig.” “O, ’ainnir dhonn, na sil do dheòir, Mu bhròn nach tig a chaoidh. Tha ’n tì a’ riaghladh air a’ chuan, ’Tha ’riaghladh cluaintean fraoich; ’Us ged, a luaidh, a thriallas mi Gu oirean cian an t-saoghail, Le thoil-san thig mi sàbhailte Gu broilleach blath mo ghaoil. ’Us ged is goirt an dealachadh, Bidh ’n coinneachadh d’a réir, ’S ar cridheachan ’an dealas ùr A’ dlùthachadh ri chéil’, ’An gaol gun mheirg, gun fhàilneachadh Ach mar a bha gun bhéud; Gach turus-cuain ga ’ùrachadh, A mhùirneag a’ chùil réidh. An do phàigh thu MAC-TALLA. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia. —agus— 127 State St, Boston, Mass. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. [TD 57] [Vol. 6. No. 8. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 20 OGUST, 1897. No. 8. Dunnachadh Ban Mac-an-t-Saoir. LE NIALL MACLEOID. Tha e air aithris gu tric ann am measg nan Gàidheal gur e Dunnachadh Bàn Mac-an-t-Saoir bàrd is fheàrr a thog Gàidhealtachd Alba bho laithean Oisein; agus gur e “Moladh Beinn Dòrain” cuibhrionn de bhàrdachd is fearr a chuir Dunnachadh Bàn ri chéile. Cha’n ’eil mi ag ràdh nach fhaod daoine a bhi air am mealladh a thaobh an dà ni sin. Tha iad na mo bheachd-sa gu h-àraidh air am mealladh a thaobh an dara ni; is e sin gur e “Moladh Beinn Dòrain” cuibhrionn de bhàrdachd is fheàrr a chuir Dunnachadh Bàn ri chéile. Neach air bith a leughas “Moladh Beinn Dòrain” gu faicilleach o thoiseach gu deireadh, faodaidh an neach sin eòlas fhaotainn air na buadhan a bhiodh feumail agus freagarach do dheagh shealgair, air cu[?]idh a’ ghunna a bha cleachte ann an [?] a’ bhàird, agus ainmeannan lusan gun aireamh; gheibh e na nithe sin air an cur sios ann an cainnt bhinn, fhileanta, agus bhlasda, a dh’ fhaodas a bhi ’n an lòn taitneach do ’n chluais, ach nach dean mòran àrdachaidh no beathachaidh air buadhan na h-inntinn. Tha ’m bàrd a’ toirt dhuinn trì seallaidhean àraidh air Beinn Dòrain. Anns a’ chiad àite tha e ’ga h-ainmeachadh na “monadh fada réidh,” ach ’s ann a tha ’bheinn coltach ris mar gu’m biodh i ag atharrachadh nan cruth fa chomhair sùil inntinn a’ bhàird mar a bha e ’dol air agaidh leis a’ mholadh aice. Agus an àite i bhi ’n a “monadh fada, réidh,” ’s ann a tha i tionndadh gu bhi cho corach, carach, bideanach, ri sruth Choire Bhreacainn, ’n uair a tha is fas: “Gu stobanach, stacanach, Slocanach, laganach, Cnocanach, cnapanach, Caiteanach, romach; Pasganach, badanach, Bachlagach; boidheach.” Anns an treas sealladh a tha ’m bàrd a’ toirt dhuinn air Beinn Dorain, tha e ’g a h-ainmeachadh ’n a “monadh fada, faoin.” Tha sin a leigeadh fhaicinn duinn nach b’ e idir cumadh agus maise na beinne ’bu mhomha bha anns an amharc aig a’ bhàrd ann a bhi seinn a cliù, ach a bhi a’ taghadh briathran fìnealta ruithteach a rachadh gu snasmhor ann an eagan a chéile, agus a bha freagarrach air fonn a’ phuirt air an do sheinn e am “moladh,” co dhiubh a bha ’chainnt sin seasmhach ri lagh nàduir no nach robh. Tha aon rann beag anns nach ’eil ach ceither sreathan goirid, ann am “Mian a’ Bhàird aosda,” air cliù agus maise beinne, anns am bheil barrachd brigh agus bàrdachd na ’tha ann am “Moladh Beinn Dòrain” bho cheann gu ceann: “Chì mi Beinn-àrd is àillidh fiamh, Ceann-feadhna air mhìle beann; Bha aisling nan damh ’n a ciabh, ’S i leabaidh nan nial a ceann.” Tha e air a mheas ’n a mhaise air bàrdachd agus air sgriobhadh no còmhradh sam bith, mar is momha théid de chiali agus de ghliocas a chur ann an tearc de bhriathran. Ach cha d’ thug Dunnachadh Bàn mòran aire do ’n teagasg sin. Agus cha b’e mhain Dunnachadh Bàn, ach bhà agus thà a’ chuid mhor de na bàird Ghàidhealach againn ciontach dhe sin. Cho fad ’s a gheibheadh iad briathran a ghabhadh tàthadh agus fuaimneachadh ri chéile leanadh iad air sniomh an orain a mach cho fad ’s a [?]dh e deanamh; co dhiubh a bha beachdan ùra ’g am foillseachadh fhéin ann no nach robh. Ma bha mhin gann bha iad a’ fuine a bhonnaich a mach cho tana ’sa ghabhadh e sgaoileadh. Cha ghabh e àicheadh nach e fior bhàrd a bha ’n Dunnachadh Bàn, ach bard aig an robh buadhan cainnte pailt air thoiseach air a chumhachd inntinn. Ach ma rinn Dunnachadh Bàn bàrdachd lag rinn e bàrdachd làidir. Ann am moladh “Choire-cheathaich” tha againn dealbhan air an tarrainn cho oirdhearc agus cho maiseach, ann an cainnt cho finealta, snasmhor, ’s a tha ri ’fhaotainn anns a’ chanain Ghàilig—cainnt a tha nochdadh dhuinn an toilinntinn a bha aig a’ bhàrd ann a bhi ’n dlùth cho-chomunn ri maise obair nàduir. “Sa’ mhaduinn chiùin-ghil an am dhomh dùsgadh. Aig bun nan stùc b’e an sùgradh leam.” Anns an rann so tha againn inntinn agus spiorad a’ bhàird a’ bristeadh a mach. Anns a mhaduinn chéitein ’n uair tha ’n driùchd a’ dealradh air gach feòirnein, a’ ghrian ag éiridh suas ’na glòir, le sgiathan sèimh a’ sgaoileadh a brat òr-bhuidhe air gach srath agus sliabh, is e miann a’ bhaird a bhi ’g éirigh gu moch agus a direadh suas gu bun nan stùc a ghabhail compairt le eunlaith nan speur ann a bhi ’seinn agus a’ deanamh gàirdeachas ann am maise agus gloir a chruinne-ché. Tha e duilich a chreidsin gu ’n cuireadh ughdar “Coire-cheathaich” bàrdachd ri chéile (ma dh’ fhaodair bardachd a radh ris) cho leanabail, lag, agus leibideach, ri “Alastair nan stop.” Rinn Dunnachadh Bàn a tri no ceithir a dh’ orain ghaoil, ach a mach bho “Mhairi Bhain oig,” cha’n ’eil iad ach fuar, tioram agus lag. Ann a h-aon de na orain-ghaoil sin tha ’n rann a leanas: ’S do chùl daithte làn-mhaiseach, Mu ’n cuairt do d’ bhràigh’ an òrdugh, Air sniomh mar theudan clàrsaiche, ’N a fhaineachan glan nòsar; Gu lidh-dhonn, pleatach sàr-chleachdach, Gu dosach, fàsmhor, domhail, Gu lùbach, dualach, bachlach, guairsgeach, Snasmhor, cuachach, òr-bhuidhe.” Tha ’n t-òran a’ toiseachadh leis na facail so—“A mhairi bhàn, gur barrail thu.” Tha e duilich a dheanamh a mach ciod e’n seorsa dath a bha air an fhalt aig a’ mhaighdinn so, ma bha e “bàn,” “lidh-dhonn,” agus “or-bhuidhe.” Ann an oran “Mhairi Bhan òg” tha ’m bàrd a’ bualadh teudan na clàrsaich aige le dùrachd ni’s blaithe, leis am bheil faireachadh a’ ghaoil agus spiorad na fior bhàrdachd a’ comhnadh a cheile, agus a sgeudachadh Mairi le trusgan maiseach finealta nach caill i cho fad ’s a bhios Gailig ghlan Albannach air a labhairt no air a seinn air feadh an t-saoghail. Ann an “Oran an t-Samhraidh” tha ’n rann a leanas: “’S fior ionmhuinn mu thràth noine, Na laoigh òga choir na buaile sin, Gu tarra-gheal, ball-bhreac, botainneach, Sgiathach, druim-fhionn, sròn-fhionn, guaillinnach; Is iad gu lith-dhonn, ciar-dhubh, càraideach, Buidh’, gris-fhionn, crà-dhearg, suaichionta, Seang, slios’ra, direach sàr-chumpach, Cas, bachlach, bàrr an suainiche.” Faodaidh e bhith gur e nach ’eil mise tuigsinn ciod is ciall do fhior bhàrdachd, ach feumaidh mi aideachadh “nach ’eil mi faicinn bàrdachd air bith anns an rann sin, no ann an iomadh rann eile de’n t-seorsa cheudna. Tha cainnt gu leor ann, air a càrnadh air muin a cheile, facail fhada, thioram, làidir, gun bhinneas gun ghrinneas. Agus ann am measg a cho-thionail bhriathran sin, bu cho math a bhi ’g iarraidh snàthaid ann an cruaich fheoir agus a bhi ’g amharc air son na beachd air an robh am bàrd ag iarraidh soluis a chur. Tha bàrdachd agus tuigse anns an òran chiatach sin, “Cead deireannach nam beann.” Cha’n ’eil am bàrd a’ deanamh strìth air bith gu bhi taghadh facail mhora, chruaidhe, (Air a leantuinn air taobh 60.) [TD 58] [Vol. 6. No. 8. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI. EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB X. An uair a bha mi mar so ’gam dhiteadh fhein, thainig an taillear far an robh, mi agus thuirt e rium, “Thug seann duine nach ’eil mi ag aithneachadh an tuadh agad an so. Tha e ag radh gu ’n d’ fhuair e anns a’ choille i, agus gu ’n dubhairt do chompanaich ris gur ann leatsa ’tha i, agus gu ’n d’ innis iad dha gu ’n robh thu ’fuireach an so. Thig am mach a bhruidhinn ris; oir cha toir e seachad i do dhuine sam bith ach dhut fhein. An uair a chuala mi so, chaidh mi air chrith leis an eagal. An uair a bha ’n taillear a’ faighneachd gu de ’bha cearr orm, dh’ fhosgladh dorus an t seomair, agus nochd an seann duine a steach far an robh sinn. Co bh’ ann ach am fathach ann an riochd seann duine, agus an tuadh aige ’na laimh. “Is mis am fathach,” ars esan, “mac do nighinn Eiblis, Prionnsa nam fathach. Nach i so an tuadh agadsa?” Mu ’n d’ fhuair mi uine gu freagairt a thoirt dha, rug e air mheadhain orm, agus sguab e leis mi am mach as an t-seomar. Ann am priobadh na sul thug e leis mi cho ard do na speuran ’s nach robh fhios agam co ’n taobh a bha e ’gam thabhairt. Thainig e nuas thun na talmhainn a rithist, agus ’nuair a bhuail e a chas air an talamh dh’ fhosgail e, agus thug e sios mi do ’n luchairt far an robh a’ bhana-phrionnsa. Ach, obh, obh! ciod an sealladh a bha ’n sin! Dh’ fhag e mo chridhe goirt. Bha i ’na sineadh ruisgte air an urlar lan fala, ni bu choltaiche ri marbh na ri beo, agus a gruaidhean fliuch le deoir. “A chreutair mhollaichte,” ars am fathach rithe, agus e ’sineadh a laimhe an taobh a bha mise, “nach e so am fear ris an robh thu ’leannanachd?” Sheall i an rathad a bha mi, agus fhreagair i gu muladach, “Cha ’n aithne dhomh idir e; cha ’n fhaca mi riamh e gus an drasta.” “Ciod a tha thu ’g radh?” ars am fathach. “Is e bu choireach ri thu bhith anns an t-suidheachadh anns am bheil thu; agus tha thu cho ladarna ’s gu ’m bheil thu ’g radh nach aithne dhut e.” “Mur aithne dhomh e,” arsa bhana-phrionnsa, “am b’ aill leat mi dheanamh nam breug a chum a dhiteadh?” “Oh, seadh,” ars am fathach ’s e tarruinn a’ chlaidheimh as an truaill, agus ’g a thairgse do ’n bhana-phrionnsa, “mur faca thu riamh roimhe e, beir air a’ chlaidheamh, agus gearr dheth an ceann.” “Ochan! cia mar a tha e ’n comas dhomhsa a leithid sin a dh’ olc a dheanamh air do chomhairle-sa? Tha mi air fas cho fann ’s nach urrainn mi mo lamh a thogail; agus ged a b’ urrainn, cha leigeadh mo chridhe leam beatha duine neo-chiontaich nach fhaca mi riamh roimhe a thoirt air falbh,” arsa bhana-phrionnsa. “Tha do chuid diultaidh a’ dearbhadh dhomhsa gu soilleir gu ’m bheil thu ciontach,” ars am fathach. An sin thionndaidh e riumsa, agus thuirt e, “Am faca tusa am boirionnach so riamh roimhe?” Bithinnse cho mi-thaingeil agus cho meallta ri creutair a bha beo mur fheuchainn ri bhith cho dileas dhise ’s a bha ise dhomhsa, gu h-araidh o’n a b’ ann air mo shaillibh a choisinn i corruich an fhathaich. Air an aobhar sin, thuirt mi ris, “Cia mar a bhiodh aithne agamsa oirre ’s nach fhaca mi riamh i gus an drasta.” “Ma tha sin mar sin,” ars esan, “beir air a’ chlaidheamh, agas gearr dhith an ceann. Air a’ chumhnant so leigidh mi leat a bhith ’falbh; oir an sin bidh e air a dhearbhadh dhomh nach fhaca tu riamh i gus an drasta.” “Le m’ uile? chridhe,” fhreagair mi ’s mi breith air a’ chlaidheamh. Ach na smaoinich gur ann gus a’ bhana-phrionnsa mhaiseach a chur gu bas air chomhairle an fhathaich a rinn mi so. Rinn mi e a chum gu ’n nochdainn cho math ’s a b’ urrainn domh gu ’n robh mi a’ cheart cho deas gus am bas fhulang air a son-se ’s a bha ise air mo shon. Thuig i gle math ciod a bha mi ’ciallachadh; oir dh’ aithnich mi air an t-suil a thug i orm gu ’n do thuig i mi. An uair a chunnaic mi so thug mi ceum air ais, agus agus thilg mi an claidheamh air an urlar, agus thuirt mi ris an fhathach, “Bidh mise gu brath ’nam chulaidh-ghrain do ’n chinne-daon gu leir ma bhios mi cho eucorach ’s gu mort mi bean-uasal air nach robh eolas agam, agus tha gle dhluth air a’ bhas. Faodaidh tu an rud a thogras tu a dheanamh rium, o’n a tha comas agad air; ach cha dean mi air chor sam bith an eucoir a tha thu ’g iarraidh orm a dheanamh.” “Tha mi ’faicinn,” ars am fathach, “gu ’m bheil sibh le cheile suidhichte air brath a ghabhail orm, agus air masladh a thoirt dhomh. Ach leigidh mi ’fhaicinn dhuibh, leis an droch dhiol a ni mi oirbh, gu ’m bheil barrachd cumhachd agam na tha sibh an duil.” An uair a thuirt e so, rug e air a’ chlaidheamh, agus ghearr e dhith an lamh. Ged nach robh innte ach an deo air eiginn leig i ris dhomh gu ’n robh i ’fagail slan agam gu brath. An uair a chunnaic mise gu ’n d’ fhuair i bas thuit mi ann an neul. An uair a dhuisg mi as an neul, dh’ iarr mi air an fhathach mo ghrad chur gu bas. Thuirt mi ris, “Buall mi anns a’ mhionaid. Tha mi deas gus am bas ’fhaighinn. Is e mo ghrad chur gu bas am fabhar a’s mo is urrainn dut a dheanamh rium.” Ach an aite deanamh mar a bha mi ag iarraidh air, thuirt e, “Gabh beachd air an droch dhiol a ni na fathaich air am mnathan, an uair a bhios amhrus aca gu ’m bheil iad neo-dhileas dhaibh. Leig i leat cead tighinn a steach an so; agus nam bithinnse cinnteach gu ’n robh dad cearr eadraibh, chuirinn gu bas thu anns an t-seasamh bonn. Ach foghnaidh leam do chruth atharrachadh gu cu, no moncaidh no leomhann, no gu eun. Roghnaich an cruth a’s fhearr leat dhiubh so.” Thug na briathran so ni-eiginn de mhisnich dhomh gu’n rachadh agam air faighinn sabhailte as a lamhan. Thuirt mi ris, “O fhathaich, na bi cho cruaidh sin orm, agus o nach eil thu gus mo bheatha a ghearradh as, buin rium gu caoimhneil, fialaidh. Ma bheir tu mathanas dhomh, cumaidh mi do chaoimhneas nam aire fad ’s is beo mi. Dean rium mar a rinn aon de na daoine a b’ fhearr a bh’ air an t-saoghal an uair a thug e gu saor lan-mhathanas do ’n choimhearsnach fharmadach aig an robh fuath mor dha.” Dh’ fheoraich am fathach dhiom ciod a thainig eadar an dithis choimhearsnach so, agus thuirt e rium gu ’n deanadh e foighidinn gus an innsinn dha mu ’n deidhinn. Tha mi ’n dochas, a bhaintighearna, nach gabh thu gu h-olc e ged a dh’ innsinn dhut an naigheachd so. Ann am baile mor araidh bha dithis dhaoine ’fuireach ann an taighean a bha gu math dluth dha cheile. Bha fuath anabarrach mor aig an dara fear do ’n fhear eile. B’ eiginn do ’n fhear a bh’ air ’fhuathachadh falbh as an taigh ’s an robh e agus taigh a ghabhail ann am baile eile; oir bha e ’smaointean gur e cho dluth ’s a bha e fhein ’s a choimhearsnach air a cheile bu choireach gu ’n robh fuath aig a choimhearsnach dha. Ged a nochd e iomadh caoimhneas dha, gidheadh, cha do lughdaich sin ’fhuath dha. Air an aobhar sin reic e an taigh, agus gach ni a bh’ aige, agus chaidh e do cheanna-bhaile na rioghachd. Cheannaich e greim fearainn faisge air a’ bhaile so, far an do thog e taigh. Anns ’a gharadh so thachair gu ’n robh seann tobar anns nach robh deur uisge. An uair a chuir e an taigh ’s an garadh ann an ordugh cho math ’s a ghabhadh deanamh, runaich e gu ’n caitheadh e na bha roimhe de ’bheatha cho saor o dhragh ’s o thrioblaidean an t-saoghail ’s a ghabhadh deanamh. Air an aobhar sin chuir e uime eideadh manaich, agus chuir e caochladh sheomraichean an ordugh a chum gu ’m biodh e fhein is manaich eile a’ fuireach annta. Ann an uine ghoirid thainig e gu bhith fo mhor-mheas aig islean ’s aig uaislean a’ bhaile gu leir air son cho maiseach ’s cho neo-lochdach ’s a bha e ’caitheamh a bheatha. Thainig daoine air astar fada a dh’ aon ghnothach a chum gu ’n cuireadh e suas urnuigh as an leith; agus dh’ aidich iad gun robh e ’na mheadhain air moran math a dheanamh dhaibh. Chualas anns a’ bhaile as an d’ fhalbh e gu ’n robh an duine so fo dheadh chliu aig na h-uile agus bhrosnaich so an duine aig an robh fuath dha air a leithid de dhoigh ’s [TD 59] [Vol. 6. No. 8. p. 3] gu ’n do chuir e roimhe gu ’n rachadh e a dh’ aon ghnothach do ’n cheanna-bhaile gus a sheana choimhearsnach a chur gu bas. A chum a dhroch run a chur an gniomh chuir e uime eideadh manaich, agus chaidh e dh’ ionnsuidh an taighe anns an robh cuimhne aige air an fhuath ’s air a’ ghamhlas a bh’ aige dha ’s an am a dh’ fhalbh. Thuirt an duine gamhlasach, farmadach, so ris, gu ’n d’ thainig e far an robh e air cheann-gnothaich a bha gle chudthromach, agus fhad ’s a bhiod e ag innseadh aobhar a thuruis dha, nach fhaodadh duine a bhith anns an eisdeachd ach iad fhein. “Agus a chum nach cluinn neach sam bith aon fhacal de na bhios eadrainn,” ars esan, “theid sinn do ’n gharadh. Bheir thu ordugh do na manaich gabhail mu thamh o’n a tha e air tighinn anamoch ’s an fheasgar.” Rinn an duine coir, cneasda, mar a chomhairlich an droch dhuine eile dha. An uair a chunnaic an duine farmadach nach robh neach sam bith ’g am faicinn, thoisich e ri innseadh ceann a thuruis do ’n duine mhath. Bha iad a’ coiseachd taobh ri taobh air an socair fhein, agus gun smaointean aig an duine mhath gu ’n robh olc sam bith fa near do’n duine fharmadach. Ach uair de na h-uairean ’s iad a’ dol seachad air an tobar, thilg an duine farmadach sios an duine math an comhair a chinn do ’n tobar, agus thug e ’chasan as gun fhios aig duine beo air an olc a rinn e. Cha do leig e an ceum as a chois gus an d’ rainig e a thaigh fhein. Bha e gle riaraichte le a thurus; oir bha e lan-chinnteach ’na inntinn fhein, gu ’n do chuir e a sheana choimhearsnach coir gu bas. Ach ’na dheigh sin fhuair e ’mach gu’n robh e gu mor air a mhealladh. CAIB XI. Bha sithichean agus fathaich a’ fuireach anns an t-seann tobar, agus mur b’ e so bha ’n duine math air a bheatha ’chall mu ’n d’rainig e grunnd an tobair. An uair a thilg an droch dhuine eile sios e, rug iad air ’nan lamhan, agus leig iad as gu socrach anns an tobar e. Ged nach fhaca e neach sam bith, dh’ aithnich e gu’n robh cumhachd air choireiginn ann a chum e gun a cheann ’s a chnamhan a bhristeadh leis an leagadh a fhuair e. Cha robh e fad anns an tobar an uair a chuala e guth ag radh, “An aithne dhuibh an duine so do ’n tug sinn cuideachadh?” Fhreagair guth eile, “Cha’n aithne.” An sin fhreagair a’ cheud ghuth, “Innsidh mise dhuibh co e. Is e so duine cho caranta ’s a th’ air an t-saoghal. Dh’fhalbh e as a’ bhaile ’s an robh e, agus thainig e do ’n bhaile so an dochas gu’n tugadh e air aon de choimhearsnaich gun a bhith cho gamhlasach ris. An uair a chuala choimhearsnach cho cliuiteach ’s cho measail ’s a bha e anns a’ bhaile so, thainig e a dh’aon ghnothach a chum cur as da. Agus bha chuis air a dhol leis mur b’ e gu’n d’thug sinne cuideachadh dha an uair a thilgeadh ’s an tobar e. Tha cliu an duine so cho mor ’s gu’n cuala an righ m’ a dheidhinn. Tha ’n righ gus tighinn g’ a amharc am maireach a chum gu’n dean e urnuigh as leith a nighinn.” Thuirt guth eile, “Ciod am feum a th’ aig nighean an righ air urnuighean manaich?” Fhreagair a’ cheud ghuth, “Am bheil fhios gu’m bheil i air a mealladh leis an fhathach, Moimoun mac Dhimidim, a thuit ann an gaol oirre? Tha fhios agamsa gle mhath cia mar a theid aig an duine mhath so air a leigheas. Tha an ni furasda gu leor, agus innsidh mi dhut e. Tha cat dubh aige ’s an taigh. Air earball a’ chait so tha bad beag geal. Ma bheir e seachd roineagan as a’ bhad gheal so, agus gu’n loisg e iad os cionn ceann nighean an righ, bidh i air a leigheas, agus cha tig Maimoun, mac Dhimidim, gu brath tuilleadh far am bheil i.” Chuala an duine math a h-uile facal de ’n chomhradh so a bh’ eadar na sithichean agus na fathaich. Ach cha dubhairt iad facal ri cheile tuilleadh fad na h-oidhche. Anns a mhadainn an uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, thug e an aire gu’n robh pairt de bhalla an tobair air tuiteam, agus le mor dhichioll chaidh aige air streap am mach as. Bha na manaich fad na h-oidhche ’g a iarraidh gus an robh iad seachd sgith; agus an uair a chunaic iad e, rinn iad gairdeachas mor ris. Thug e dhaibh gearr chunntas air an eucoir a rinn an duine air, an deis dha a leithid de choimhneas a nochdadh dha an latha roimhe sin. Cha robh e fada ’na sheomar fhein an uair a thainig an cat dubh far an robh e, agus thoisich e ri e fhein a shliobadh ris mar a b’ abhaist dha. Rug e air agus thug e seachd roineagan as a’ bhad gheal a bh’ air an earball aige, agus chuir e ann an aite air leith iad gus am biodh feum aig’ orra. Gu math moch an la’r-na-mhaireach chaidh an righ gu taigh a’ mhanaich, agus ghabhadh ris leis an urram a bha dligheach dha mar righ. Thug an righ mar an ceudna urram do ’n mhanach, agus thuirt e ris, “A dhuine mhath, is docha gu’m bheil fhios agad c’ar son a thainig mi far am bheil thu.” “Tha mo thighearna,” ars’ am manach ’s e ’freagairt gu ciuin: “mur ’eil mi air mo mhealladh, thainig sibh a dh’ iarraidh leighis air son a’ ghalair a th’ air bhur nighinn.” “Sin a’ cheart aobhar a chuir an so mi,” ars’ an righ. “Bheir thu tuilleadh saoghail dhomsa ma theid agad air mo nighean a leigheas.” “Mo thighearna,” fhreagair am manach, “ma ’s e bhur toil leigeadh leatha tighinn an so far am bheil mise, tha dochas agam, le cuideachadh is fabhar Dhe, gu’n d’ theid agam air a leigheas.” An uair a chual’an righ so bha aoibhneas anabarrach air, agus gun dail sam bith chuir e air thoir na h-ighinn. Thainig i fhein ’s a mnathan-coimhideach. Cha bu luaithe a loisg am manach na seachd roineagan a thug e a earball a’ chait, os cionn a cinn, na thug am fathach, Maimoun, mac Dhimidim, glaodh mor as, agus dh’fhalbh e. Ghrad thug nighean an righ an srol bhar a h-aghaidh, agus dh’eirich i ’na seasamh, agus ghlaodh i, “C’ait am bheil mi? Co thug an so mi?” An uair a chual’ an righ na briathran so, bha aoibhneas anabarrach mor air, agus rug e air a nighinn ’na ghairdeanan, agus phog e i. Phog e mar an ceudna lamh a’ mhanaich. Thuirt e ris an luchd-comhairle a bha maille ris, “Ciod an duais air am bheil an duine so airidh a leighis mo nighean?” Fhreagair iad a beul a cheile, “Tha e airidh gu’n tugadh tu dha do nighean ri ’posadh.” “Sin a’ cheart ni a bha mi fhein a’ smaointean,” ars’ an righ, “agus gun tuilleadh dalach theid am posadh a dheanamh.” An uine ghoirid ’na dheigh sin fhuair ard-chomhairleach an righ bas, agus rinneadh ard-chomhairleach de ’n mhanach. An ceann beagan bhliadhnachan ’na dheigh sin dh’ eug an righ fhein, agus o nach robh mac aige cha ’n fhaca ard-mhaithean na rioghachd dad bu fhreagarraiche na ’n t-ard-chomhairleach a dheanamh ’na righ, agus thaitinn so gu mor ri sluagh na rioghachd gu leir. An uair a rinneadh righ de’n mhanach, bha e latha araidh, ann an cuideachd ard-mhaithean agus ard-uaislean na rioghachd ag imeachd troimh ’n bhaile, agus bha moran de shluagh a’ bhaile cruinn gus an righ fhaicinn. Thug an righ an aire gu ’n robh an duine farmadach, a nochd mor ghamhlas dha, am measg an t-sluaigh. Thuirt an righ ri aon de na comhairlich, “Bi falbh, agus thoir an duine ud a chi thu ’na sheasamh an sid far am bheil mise; ach thoirt an aire nach cuir thu eagal air.” Rinn an comhairleach mar a dh’ aithn an righ dha, agus thug e an duine farmadach ’na lathair. Thuirt an righ ris, “A charaid, tha mi anabarrach toilichte d’fhaicinn.” An sin thionndaidh an righ ri fear de na h-oifigich a bha maille ris, agus thuirt e, “Bi falbh, agus thoir ceud bonn oir de m’ chuid ionmhais-sa do ’n duine so; thoir dha mar an ceudna fichead luchd de ’n bhathar a’s fhear ’s is luachmhoire a th’ anns na taghean-storais agamsa, agus faic sabhailte dha thaigh fhein e.” An uair a thug e an t-ordugh so do ’n oifigeach, dh’ fhag e beannachd aig an duine fharmadach, agus dh’ imich e air aghart. An uair a dh’ aithris mi an naigheachd so do ’n fhathach a mharbh a’ bhana phrionnsa thuirt mi ris, “O fhathaich! tha thu nis a’ faicinn, nach e mhain gu’n d’thug an righ mathanas do’n duine fharmadach a bha ’g iarraidh a bheatha ’thoirt air falbh, ach gu’n do nochd e dha mor-chaoimhneas mar an ceudna, agus gu’n d’thug e dha or is bathar luachmhor ann am pailteas. Dean thusa mar a rinn an righ math, trocaireach so, agus cha bhi aithreachas ort. Thoir mathanas dhomh, agus cha’n iarr mi an corr ort.” Ach a dh’ aindeoin cho durachdach, dealas- (Air a leantuinn air taobh 62.) [TD 60] [Vol. 6. No. 8. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . .$1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 20 OGUST, 1897. Dunnachadh Ban Mac-an-t-Saoir. (Air a leantuinn.) thioram. Tha na fairichean aige mar a bha iad a’ dùsgadh suas ’n a chom, a’ sruthadh a mach ann an cainnt cheòlmhor, bhog, bhlàth; cho binn sèimh ri crònan an uillt. Anns an òran so tha ’m bàrd a’ toirt dhuinn dealbh taitneach dhe fhéin, ach dealbh a tha air a mheasgadh le cianalas agus mulad. Tha ’m bàrd ’n a sheann aois ag gabhail a chuairt mu dheireadh, agus an sealladh mu dheireadh de Bheinn Dòrain; agus faodaidh sinn a bhi cinnteach mar a bha e ’direadh ri uchd an t-sleibhe le anail ghoirid, le’cheann liath, ’s le’ chiabhan tana, le ceum mall, ’s le cridhe trom, gu’n robh iomadh smaoin thùrsach a’ snàmh ’n a chom, ag cuimhneachadh air na laithean a dh’ fhalbh, laithean sòlasach taitneach na h-òige nach till air an ais ni’s mo: “’N uair ’sheall mi air gach taobh dhiom, Cha’n fhaodainn gun ’bhi smalanach.” Tha mi creidsinn gur h-ann le cridhe trom a thearnaich Dunnachadh Bàn gu baile air an fheasgar sin, a’ mothachadh aois agus a lag-chuis fhéin; agus an uair a chunnaic e ceò an anmoich agus neòil dhorcha na h-oidhche a’ sgaoileadh am brat tiamhaidh mu ghuaillean Beinn Dorain nach ro esan gu fhaicinn gu bràth tuilleadh. “Ghabh mi nis mo chead de’n t-saoghal, ’S de na daoine dh’ fhuirich ann; Fhuair mi greis gu sunndach aotrom, ’S i ’n aois a rinn m’ fhagail fann. Tha mo thàlantan air caochladh, ’S an t-aog, air tighinn ’s an am, ’S e m’ achanaich air sgàth m’ Fhir-shaoraidh, Bhi gu math ’s a n t-saoghal thall.” Rinn Dunnachadh Bàn beagan aoirean anns am bheil brod bàrdachd ged nach ’eil iad ri am moladh air dhoigh eile. Ach cha ’n eil teagamh nach do thoill “Nighean dubh Raineach” na fhuair i: “A chionn gu’n do ghoid i, ’N rud beag bha ’n sa chludan, Bh’ agam ’s a’ chùil Nach d’ innis mi chach.” Agus tha e coltach nach robh “Uisdean Piobaire,” air na daoine ’bu mhodhaile agus ’bu bheusaiche. Ach tha sean-fhacal ag ràdh gur a “searbh a’ ghlòir nach fhaodar éisdeachd.” Cha’n ’eil e na chomharradh laidir air inntinn mhoir a bhi ’gabhail gnothaich ris gach peasan leibideach a thig ’n a rathad. Agus cha mhomha a bha e ag àrdachadh cliù Dhunnachaidh Bhàin, a bhi cumail connspaid ri “Uisdean Piobaire,” “Iain Faochaig,” an “Taileir,” agus “Anna nighean Uilleam an Crompa.” Ach cha b’e paipeir goirid a chaidh a sgriobhadh ann a’ cabhaig mar a chaidh am paipeir so a bheireadh ceartas do Dhunnachadh Bàn agus d’a chuid bàrdachd. Bha sinn a’ toirt cliù dha agus a’ faotainn coire dha; ach tha sinn a’ creidsinn nach cuir aon choire a gheibh sinne dha tolg no dealg ’n a chliù. Tha dochas againn gu’m bi a chliù mar bhàrd cho seasmhach buan ri beanntan a dhuthcha. Agus tha sinn a’ creidsinn gum bi iomadh làtha agus linn mu’n siubhail Gaidheal eile firichean Bheinn Dòrain a ni am feum de ’bheul agus de ’shuilean, agus a chuireas urad de bheatha agus de mhaise ann an cainnt agus ann am bàrdachd ar dùthcha ’s a chuir Dunnachadh Bàn Mac-an t-Saoir. Tha na sgoilean dùthcha gu bhi air am fosgladh Di-luain s’a tighinn; cha tòisich na sgoilean anns na bailtean gu ceann seachdain no dha eile. Tha sinn an dòchas gu ’n dean gach sgireachd-sgoile an uile dhichioll air luchd-teagaisg fhaotainn, agus nach bi, air a bhliadhna so, tigh-sgoile anns an dùthaich gu sgoil ann. ’S còir an oigridh fhoghlum ge b’e de chosgas e; tha iad a fàs suas gu bras, agus am beagan bhliadhnaichean ’s iad a bhios a riaghladh na dùthcha, agus a lionadh nan aiteachan a tha ’n diugh air an lionadh le ’n athraichean. C’uin a dh’ fhàsas daoine cho glic ’s gu’n seachainn iad an lagh? Tha sgeul air tighinn mu chàs air ’n do chuireadh crioch anns na Stàitean o chionn ghoirid an deigh dha mairsinn àireamh bhliadhnaichean. ’Se ochd ceud dolair a bh’ anns an tagradh an toiseach, ach chosgadh tri fichead us coig mile deug dolair mu’n robh crioch air a chùis. Agus ’s e còrdadh eatorra fhéin a rinn an da thaobh. Nach ann orra tha ’n t-aithreachas an diugh nach d rinn iad an còrdadh sin mun deach iad gu lagh? Gheibhear anns an àireamh so paipear gasda mu Dhonnachadh Ban Mac-an-t-Saoir, air a sgriobhadh le Niall Mac Leoid. Cha ’n eil Gàidheal nach eil eòlach air ainm agus cliù Dhonnachaidh Bhàin, agus is math leinn e bhi ’nar comas am paipear so, le aon a tha e-fhéin na bhàrd air am bheil cliù am measg nan Gàidheal uile, a thoirt f’ an comhair. Cha ’n eil neach do ’n fhearr a’s aithne labhairt mu shaothair bàird, na bàrd eile. Chaidh da chaibideil de na “Sgeulachdan Arabianach” air iomrall oirnn. Theagamh gu ’n ruig iad sinn fhathast, agus ma ruigeas, theid an clo-bhualadh aig àm eile. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 61] [Vol. 6. No. 8. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thatar a’ cur moran dhearcan-gorma gu Boston á ceann an iar Nobha Scotia air an fhoghar so. Tha pris mhath orra anns a’ bhaile sin. Seachdain gus an Di-luain s’a chaidh, bha mac do Dhomhnull Mac-an-Tòisich, an Earltown, N. S. air a mharbhadh leis an dealanach, agus bha nighean bheag dha, aois sheachd bliadhna, air a goirteachadh gu dona. Cha robh an gille ach deich bliadhna dh’ aois. Chaidh an soitheach “Mary A. McLeod,” a dh’ fhalbh á Sidni deireadh na seachdain s’a chaidh, air grunnd faisg air St. Peter’s maduinn na Sàbaid. Bha i luchdaichte le iasg, agus air a turus gu ruige Halifacs. Bha an làn mhara a stigh aig an àm, agus bidh e gle dhoirbh a toirt an uachdar, ma ghabhas e deanamh idir. Chaochail gille beag d’ am b’ ainm Greenald anns an tigh-eiridinn an Cuibeic air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e air bòrd soithich a’ dol a stigh do ’n phorc sin, agus thatar a deanamh a mach gu’ m b’e droch dhiol a rinn meat an t-soithich air a dh’ aobharaich a bhàs. Tha am meat agus an caiptean an dràsda a’ seasamh cùrtach. Chaidh sabhal na theine ann am Bridgetown. N. S., o chionn ghoirid, air dòigh neonach. Bha e lan de dh’ fhiar a bha air a chur a stigh gorm, agus ghabh am fiar sin teas cho mor ’s gu ’n deach e na theine. Chaidh an sabhal ’s gach ni a bh’ann a losgadh, agus an tigh-comhnuidh cuideachd, ach fhuaireadh na bh’ àirneis anns an tigh a shàbhaladh. Bha fear Uisdean D. Murray ag obair air deanamh rathaid am pàirce ’n exhibition ann am Pictou, agus o chionn beagan us seachdain tharruinn e ceithir cheud deug dolair gus na daoine bha ’g obair fodha phàigheadh. Cha ’n fhacas e riamh uaithe sin, agus tha h-uile coltas gu bheil e air teicheadh leis an airgead, agus gu bheil na daoine bochda bha ’g obair aige gun sgillinn air son an saoithreach. Tha gnothuichean dhe ’n t-seòrs’ ud a’ tachairt tuilleadh us tric. Bha àireamh de luchd-deasachaidh phaipearan-naigheachd ann an Sinni toiseach na seachdain. Buinidh iad do thaobh an ear mor-roinn Chuibeic, agus tha iad a’ cur cuairt air na mor-roinnean iseal. Thainig iad gu Sidni air a charbad-iaruinn oidhche Di-màirt, agus dh’ fhalbh iad air a’ bhàta-smùide Marion ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha mu leth-cheud dhiubh ann air fad. Bha an t-side gle fhliuch fhad ’sa bha iad anns a’ bhaile, ach bha iad gle riaraichte le ’n turus a dh’ aindeoin sin. Chaidh uamh fhaotainn air làrach seana-bhaile Louisburg air an t-seachdain s’a chaidh, le dithis dhaoine a bha ’cladhach ann. Tha an uamh mu dheich troighean fichead a dh’ fhad, agus air a deanamh gu làidir air clach us aol. Fhuaireadh cnamhan duine innte, ach a bharrachd air sin, cha robh ni annasach ri fhaicinn. Cha ’n eil teagamh nach robh i air a deanamh ri linn nam Frangach air son àite-folaich, no air son priosan. Tha eachdraidh ag innse gu robh ceithir uamhannan deuga dhe ’n t-seòrsa sin anns a bhaile. Seachdain gus an Di-luain s’a chaidh, dh’ ionndraineadh boirionnach do ’m b’ ainm Mrs. Orr, ann an Dumaries a Tuath, an Ontario. Cha robh fhios gu de dh’ éirich dhi gu toiseach na seachdain so, nuair a fhuair daoine bha ’ga sireadh tòrr ùrach ann am pàirc arbhair faisg air an tigh aice, agus air dhaibh cladhach, fhuaireadh a corp air a thiodlacadh ann. Bha a ceann agus a guaillnean air an gearradh gu h-uamhasach. Chaidh dithis dhaoin’ òga a ghlacadh air amhrus, fear a bha na sgalaig aig Mrs. Orr, agus fear eile a bha ’g ionnsachadh na dotaireachd. Tha a’ chùirt mhor ’na suidhe anns a’ bhaile air an t-seachdain so, a cur crioch air na càsan nach deach fheuchainn aig suidhe ’n t-samhraidh. Tha còrr us tri muillein dolair de dh’ ainbhfhiach air baile Halifacs, agus ’s ann a’ dol na ’s motha tha i a h-uile latha. Thatar a pàigheadh $134,000 ’sa bhlianhna de riabh. Cho beairteach ’s gu bheil baile Halifacs, cha ’n urrainn nach eil sin na uallach trom air an t-sluagh. Tha an “Indiana,” aon de na soithichean-cogaidh a’s motha th’ aig na Stàitean, ann a Halifacs o chionn faisg air da sheachdain ’ga glanadh ’s ’ga cur an uidheam. Cha ’n eil long-phort aig na Stàitean fhéin anns an gabhadh an obair deanamh; tha dùil ri tuilleadh de shoithichean-cogaidh na dùthcha sin a thighinn do Halifacs air a’ ghnothuch cheudna, mu ’n tig am foghar gu crich. Bha stoirm mhor thairneanach ann an Eilean a’ Phrionnsa toiseach na seachdain s’a chaidh. Ann an Georgetown, bha boirionnach, bean Chaiptein Uisdean Mhic-a-Phi, air a bualadh leis an dealanach ’si a’ bleoghan mairt, agus chaidh a goirteachadh gu dona; chaidh am mart a mharbhadh. Chaidh sabhal le fear Tomas Henry a bhualadh, agus milleadh mor a dheanamh air. Mharbhadh each luachmhor le fear Henry Horne ann an Charlottetown. Chaidh taighean Néill agus Ghilleasbuig Mhic Amhlaidh, air rathad Chow Bay, faisg air a bhaile, a losgadh aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad ag obair air an fhiar astar beag air falbh nuair a thòisich an teine, agus mu ’n tugadh fanear dha bha e air a leithid de ghreim fhaotainn ’s gu ’n deach na taighean a losgadh gu làr. Chailleadh gach ni a bha nam broinn. Cha robh airgead-urrais air na taighean idir, agus thig an call gle throm orra. Thatar a’ feuchainn ri cur cruaidh ri luchd-reic an stuth làidir an dràsda. Tha dithis no triùir dhiubh an deigh an cain a phàigheadh ann an Sidni, agus tha fear no dithis eile a tha air am faotainn ciontach a’ cur dàil anns a’ ghnothuch le ’n cas a thogail gu cùirt a’s àirde. Ann am mèinn an Reserve, agus an Seana Bhridgeport, tha àireamh an deigh an càin a phàigheadh, agus tha aon fhear nach robh comasach no deònach air sin a dheanamh, a’ cur seachad ùine ’sa phriosan. Dh’ fhalbh mu mhile duine á Victoria, B. C., toiseach na seachdain so air an turus gu Klondyke. Bha iad a dol pairt dhe ’n t-slighe air soithichean-smùide, agus bha iad air an làn uidheamachadh le biadh us aodach. Bha, mar an ceudna, eich us coin us sleigheachan aca. ’N uair a ruigeas iad Skagway Bay,—cho fada tuath ’sa bheir na soithichean iad—bidh iad air an giùlan air an adhart leis na h-eich, agus ’nuair a dh’ fhasas an t-slighe ’s an t-side cho doirbh ’s nach dean na h-eich an còrr feuma, theid am marbhadh, ’s nithear a chuid eile de ’n t-slighe leis na coin no dh’ an cois. ’S iomadh cruadal troimh ’n teid na daoine bochda mu ’n ruig iad an ceann-uidhe. Dh’ fhalbh àireamh mhor de ghillean òga do Mhanitoba ’s do ’n Iar Thuath Di-luain s’a chaidh, ’s iad an dùil a dhol a dh’ obair air a bhuain. Bha moran dhaoine a dhith air na tuathanaich, agus air son gu ’m biodh e na b’ usa dhaibh am faotainn, chaidh am faradh eadar so us àite sam bith am Manitoba no ’s an Iar-Thuath isleachadh gu ceithir dolair dheuga. Dh’ fhalbh seachdnar á Sidni, agus eadar am baile ’s na mèinnean dh’ fhalbh eadar da fhichead ’sa coig us leth-cheud. Dh’ fhag cuid dhiubh deagh àiteachan-cosnaidh ’nan deigh, agus dh’ fhalbh cuid aig nach eil moran sgil air tuathanachas. ’S e ’s dòcha gu bheil sùil aig a mhor-chuid dhiubh air Klondyke. Tha sinn an dòchas gu ’n soirbhich gu math leo uile. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .30 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MACKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho soar ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 62] [Vol. 6. No. 8. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 59.) Ach ’s gu’n robh mi a’ guidhe air mathanas a thoirt dhomh, cha tugadh e geill sam bith dhomh. “Cha chuir mi gu bas thu,” ars’ esan, “ach na biodh duil sam bith agad gu’m faigh thu slan, fallain, as mo lamhan-sa. Leigidh mise ’fhaicinn dhut gu’m bheil cumhachd agam iomadh ni a dheanamh ’e m’ dhraoidheachd.” An uair a thuirt e so, rug e orm ’na chroig agus cha mor nach do dh’ fhaisg e an cridhe asam. Dh’ fhalbh e leam am mach as an taigh-fo-thalamh, agus thug e leis mi cho ard do na speuran ’s nach robh mi ach air eiginn a’ faicinn na talmhainn shios fodham mar neul beag, geal. An sin thainig e nuas leam cho luath ris an dealanach, agus leig e as mi air mullach beinne. Thug e lan a chroige de ’n talamh, agus an uair a labhair e briathran nach do thuig mise, thilg e mu mhullach mo chinn e, agus thuirt e, “Na bi ’nad dhuine ni ’s mo, ach bi ’nad mhoncaidh. Ann am priobadh na sul chaidh e as an t-sealladh, agus dh’ fhag e ann an sid mi ’s mi ann an riochd moncaidh. Bha mo chridhe gu bristeadh le bron ’s gun fhios agam air an t-saoghal mhor c’aite an robh mi, no cia ’n taobh a bheirinn m’ aghaidh a dh’ ionnsuidh rioghachd m’ athar. Chaidh mi sios bhar mullach na beinne, agus thainig mi dh’ ionnsuidh duthaich a bha anabarrach farsuinn, comhnard. Bha mi ’siubhal troimh ’n duthaich so fad mhios. Mu dheireadh thainig mi ann an sealladh na mara, agus rinn mo chridhe gairdeachas ris an t-sealladh. Bha feath mhor air a’ mhuir, agus chunnaic mi long mhor fo a cuid sheol ’na laidhe gu socrach air aghaidh na mara, agus ann an dochas gu’n gabhadh an sgiobair air bord mi ’nan ruiginn i, thug mi oidhirp air meanglan mor a bhristeadh bhar te dhe na craobhan a bha faisge air bruaich a’ chladaich. A dh’ olc no dh’ eiginn gu’n d’ fhuair mi, bhrist mi e, agus an uair a chuir mi am mach air a’ mhuir e, chaidh mi casan-gobhlach air, agus bha mi ’g a iomradh le maide anns gach laimh. Ged a thug mi uine mhor air ruighinn far an robh an long, rainig mi mu dheireadh a cheart air eiginn. An uair a mhothaich na seoladairean agus an luchd-turuis a bh’ air bord dhomh, ghabh iad ioghnadh anabarrach mor. Cha bu luaithe a rainig mi cliathach na luinge na ghrad streap mi air bord; ach o nach b’ urrainn domh bruidhinn, bha mi ann an cunnart a bhith air mo ghrad chur gu bas. Bha na marsantan a bh’ air bord, agus na seoladairean, a’ lan chreidsinn gu’n tigeadh mi-fhortan mor ’nan rathad nan leigeadh iad leam a bhith air bord. Thuirt fear dhiubh, “Cuiridh mi ’n t-eanchain as le maide.” Thuirt fear eile, “Cuiridh mi saighead troimh ’n mhionach aige.” Thuirt an treas fear, “Tilgidh mi leis a’ chliathaich e.” Bha iad air mo chur gu bas ann an ionad nam bonn, mur b’ e gu’n do ghabh an sgiobair mo phairt. An uair a chunnaic mi an cunnart anns an robh mi, chaidh mi far an robh e ’na sheasamh, agus thilg mi mi-fhein air an dec aig a chasan. An uair a chunnaic e mi a’ sileadh nan deur gu frasach, ghabh e truas dhiom, agus thuirt e nach fhaodadh duine a bh’ air bord beud a dheanamh orm. Thoisich e ri deanamh moran dhiom, agus ged nach robh e ’n comas dhomhsa facal a labhairt, nochd mi dha mar a b’ fhearr a b’ urrainn domh gu’n robh mi gle thaingeil dha air son a’ chaoimhneis a bha e ’nochdadh dhomh. (Ri leantuinn.) Teagasg Fallain. Comhairle caraid gun iarraidh, Cha d’ fhuair i riamh am meas bu chòir dhi. Tha e anabarrach furasda dhuinn comhairle a thoirt air daoine eile, ach cha ’n eil e idir furasda dhuinn comhairle a ghabhail. Mar a’s trice, is e ar fìor charaid a bheir comhairle oirnn. Ma shaoileas sinn gu bheil feum againn air comhairle, iarraidh sinn i, agus ma thachras gu ’m bi a’ chomhairle a gheibh sinn a réir ar beachdan fhein gabhadh sinn i. Ach ma bheir caraid comhairle na còrach oirnn gun iarraidh, is docha nach bi mor-mheas againn oirre. Ma bhios e ro thric a toirt comhairle oirnn, is dòcha gu ’n caill sinn ar meas araon air a chomhairle, agus air fhéin. Tha dòigh chumanta ann air comhairle a thabhairt nach eil idir taitneach do ’n chuid a’s mo de shluagh an t-saoghail. Their iad—Nam bithinnsa ’na d’ àite-sa, dheanainn sid, no dheanainn so. Nam bu mhise thusa cha ’n abrainn ’s cha deanainn a leithid sid no leithid so. An uair a chluinneas daoine briathran de ’n t-seòrsa so, their iad mar a’s trice ’nan inntinnean fhéin: A charaid, cha mhise thusa, agus cha tusa mise, agus air an aobhar sin ni mise mo thoil fhéin, agus dean thusa do thoil fhéin. Tha moran dhaoine ann air nach bu chòir dhuinn comhairle a thabhairt idir. Cha ’n eil feum sam bith comhairle a thoirt air amadan; oir ni e tàir air gliocas agus air foghlum, agus tha a shlighe ceart ’na bharail fhéin. Cha mhò na sin a tha feum dhuinn comhairle a thoirt air neach sam bith a tha fada ’na bharail fhéin. Tha sean fhacal ann a tha ’g ràdh, gu bheil “Comhairle a thoirt air mnaoi bhuirb, mar bhuilte ùird air iarunn fuar.” Tha briathran Chriosd a’ daingneachadh na cùise so. Tha e ag radh—“Na toiribh an ni naomh do na madraidh, agus na tilgibh bhur nèamhnuidean ’am fianuis nam muc, air eagal gu ’n saltair iad orra le ’n casan, agus air pilltinn daibh gu reub iad sibh fhéin as a chéile.”—Mata vii. 6. Tha àm ann air son gach ni fo ’n ghréin. Tha àm ann gu comhairle a thoirt air daoine, agus ma ghabhas sinn an t-àm ceart, faodaidh sinn math a dheanamh. Ma gheibh sinn comhairle o charaid biodh meas againn araon air a’ chomhairle, agus mar an ceudna air ar caraid a bheir dhuinn i. An rud air nach bi meas againn tilgidh sinn uainn e. Is dìleas duine dha fhéin. Tha na briathran so a’ teagasg dhuinn gu robh daoine ann ’s an àm a dh’ fhalbh nach robh cho dìleas ann an obair dhaoine eile ’s a bhiodh iad ’n an obair fhéin. Tha so mar so a dh’ ionnsuidh an latha ’n diugh. Ann an gnothaichean na beatha so tha daoine, mar a’s trice, dìleas dhaibh fhéin. Ach a thaobh an caitheamh-beatha ’s an giùlan, tha moran dhaoine ann a tha anabarrach neo-dhìleas dhaibh fhéin. Le bhith fo riaghlanh ana-miannan na sùl, agus uabhar beatha, tha iad a’ deanamh barrachd ulle orra fhéin na ’s urrainn neach sam bith eile a dheanamh orra. An seirbhiseach a bhios a’ cur seachad na h-ùine an uair bu chòir dha bhith ’g obair, tha e neo-dhìleas d’a mhaighstir, agus air an dòigh cheudna, am fear a ni mì-bhuil de ’n ùine a thug Dia dha gu bhith ’ga thogail féin suas anns a’ chreideamh ro naomh, tha e neo-dhìleas araon dha fhéin agus do ’n Dia a chruthaich e. Is e am fear a chaitheas an ùine ann a bhith ’deanamh gach ni a gheibh a lamh ri ’dheanamh le a dhichioll, agus air am bheil eagal an Tighearna, an aon duine mu ’m faodar a ràdh gu bheil e dileas dha fhéin. Am fear a gheibh a thoil fhéin aig gach àm, theid a sgrios aig a’ cheann mu dheireadh. Tha h-uile neach gu nàdurra ag iarraidh a bhith ’deanamh a thoil fhéin. Cha luaithe a thig an leanabh gu dad de mhothachadh ’s de thuigse na thòisicheas e ri bhith ’g iarruidh a thoil fhéin. Is e bhith ’cumail na cloinne e bhith deanamh an toil fhéin an earrann a’s mo de ’n dleasdanas a th’ aig pàrantan ri choimhlionadh. An leanabh a gheibh a thoil fhéin, cha bhi ann ach mughan bochd air nach bith rath no tlachd gu bràth. Is minic a bha ’n t-aon mhac air a mhilleadh, a chionn gu ’n d’ thug a pharantan tuilleadh ’s a chòir de thoil fhéin dha. Thuit a’ cheud Adhamh o’n staid naoimh agus shona anns an do chruthaicheadh e do bhrìgh gu ’m b’ fhearr leis a thoil fhéin a dheanamh na toil an Dé a chruthaich e. Thuirt an dara Adhamh—“Cha ’n eil mise ag iarrridh mo thoil fein, ach toil an Ti a chuir uaithe mi. Is e mo bhiadh agus mo dheoch toil an Ti a chuir uaithe mi a dheanamh, agus ’obair a chriochnachadh.” Tha lagh Dhé agus dhaoine an aghaidh dhuinn a bhith ’g iarraidh ar toil fhéin. Tha ’n da aithne eile a’ sparradh da dhleasdanas chudthromach oirnn, eadhon an t-Sàbaid a choimhead naomh, agus urram a thoirt do ar pàrantan. Am fear a tha ’g iarraidh a thoil fhéin a dheanamh, cha tric leis aon chuid an t-Sàbaid a choimhead naomh, no urram a thoirt d’a phàrantan. Tha àireamh mhor mhiltean de sheirbhisich aig a’ Bhan-righ, agus is e bhith ’cum- [TD 63] [Vol. 6. No. 8. p. 7] ail dhaoine o bhith ’g iarraidh an toil fhein aig gach àm, an dleasdanas a’s cudthromaiche a tha aca ri ’dheanamh. Is ann le bhith ’cumail dhaoine ’nan àite fhein, agus gun a bhith leigeadh leotha tuilleadh ’s a chòir dhe ’n toil fhéin a tha sluagh an t-saoghail a’ sealbhachadh saorsa aimsireil. Am fear a tha air a riaghladh le toil Dhé, agus a tha ’toirt umhlachd do lagh na rioghachd, tha saorsa aimsireil agus spioradail aige. Faoghaid an Fheidh. Bu chiùin, àillidh a’ mhaduinn air an cualas tathunn nan gadhar ann an àird Choire Lùnndai. Dhùisg am fiadh air a leabaidh luachrach, thog e ’cheann fiadhaich, chual’ e ’n fhuaim a’ tighinn air àile glan nam beann. Dh’fhàg e ’leaba luachrach san lagan uaigneach aig bun nan stùc, ’s thug e air troimh ’n aisridh chumhaing, chas, gu bearradh nan creag. Le ’chuinnein fiadhta san t-soirbheas, agus a chròc chabarach àrd r’a faicinn eadar iad ’s fàire, mhothaich an t-sealg do’n fhiadh. Sheas e car tamuill,—ceò glas, tana na maidne a’ snàmh seachad air,—sheas an laoch, ag amharc, mar gum b’ann, le tàir air an fhaoghaid mhall-shiùbhlach a bha teachd air a thòir; ach co luath ’s a thog iad ri uchd na sgàirneich air ’aisridh chorraich féin, thàr e as. Siùbhlar gu h-eutroin, uallach, troi’n mhòintich ’s mu ghuaillibh bheann ag iarraidh dubhair, agus dìomhaireachd na coille ann an gleann a’ bharraich. Ann an làn-earbsa á ’chàil agus a luathas féin, pillear gu grad air an t-silighe cheudna, a’ ruith calg-dhireach an coinneamh na seilg. Anns gach car a’s lùb a’s iathadh, tha ’n fhaoghaid ’ga lorgachadh agus gu dian air a thòir. Thionndaidh e romhpa agus thugar as le luathas nan eang, gu dian, siùbhlach. Leagar a’ chroca mòra air a dhruim, agus sinear as le luathas na gaoithe, làn-earbsach ’na lùs féin, agus suarach mu’n fhaoghaid fhaoin a bha ’ga ruagadh. Tha na gadhair mall, ach neo-mhearachdach air luirg. Troimh mhòinteich a’s bhruthaichibh torimh choille ’s troimh dhoire, troimh ’n fhrìdh uile gu seasmhach neo-sgìtheil, faic iad air a luirg. Tha e ’nan sealladh, chual’ e’n tathunn, agus thug e as le luathas ùr. Faic e ’na dheann-ruith sìos troi’n choire, a mach troimh bhealach nam bò, nùnn troimh shlochd nan sionnach, suas ri uchd a’ mhill àird, agus faidheòidh, gabhar fasgadh agus tàirngear ’anail ann an doire na Beinne-mòire. Ach ciod so an fhuaim tha ’ga ruigheachd? Feuch an fhaoghaid a nis gu teann a’ dlùthachadh! Air a luirg tha gach gadhar a’ ruith; agus tha mac-talla o gach craig a’ freagairt d’an tahum. Ghabh am fiadh mòr-eagal, agus teichear an tòir na greigh. Am measg chàich, air leis gum biodh e teàruinte, ach iadsan suarach mu’n chor anns am faic iad e, seachnaidh e agus fògraidh as a’ ghreigh e gu tur. Air a thréigsinn le gach aon, agus fuaim nan gadhar ’na chluais, tha e fo uamhas, tha e ’clisgeadh, tha e ’togail air a rithist, agus le uile luathas agus lùs eang, tha e ’teicheadh ’s gun fhios c’àite. Tha ’chail, a chridhe, a spiorad uile anns an t-siubhal. Mo thruaighe! ’s diomhain a shaothair. Tha tathunn na h-oillt a’ dlùthachadh, tha iad san t-sealladh, dh’ fhalbh a mhisneach, tha ’chàil air fannachadh, thainig a luathas gu moille. Faic e san lagan ud thall a’ saothreachadh troi’n allt le ceum anmhunn, le gluasad na crùbaiche. Tha uaislean na seilg, tha luchd na faoghaid a’ mothuchadh dha so, éisd an iolach àrd! tha beothachadh ùr ann an tathunn nan gadhar, tha iad aige! ciod so nì e? Cha’n ’eil fàth dòchais. Fo chuthach theich an t-eagal, thionndaidh an laoch cabrach, ’an taic stuic seana chraoibhe dharaich, seasar, ’s cuirear an fhaoghaid uile gu dùlan. Faic a’ cheud ghadhar glas a ràinig e, air bàrr a chròic, éisd donnalaich nan con!—tha’m fraoch dearg le’m fuil, ’s tha ladhair an fhéidh a’ saltairt ’nan gaorr, tha ’dhòchas a rithisc air dùsgadh, thug e aona chruinn leum àrd thairis orra agus a mach uapa fhuair e; ach, mo thruaighe! b’i so an oidheirp mu dheireadh, tha iad fhathast ’na dhéigh, cha’n ’eil tèaruinteachd dha air tìr; leigear e féin a mach air an t-sruth agus gabhar gu snàmh. Bha eilean bòidheach coillteach a mach o thìr, agus deanar g’a ionnsuidh; ràinig e’n tràigh, air a chlaoidh gu goirt, gun chàil gun mhìsneach a’ feitheamh na faoghaid, faic e a’ fannachadh le sgìos, agus ag ospagaich le geilt. Tha ’n t-sealg dlùth; thogadh caithream na buaidh tha ’n deur nach robh riamh roimhe air an t-sùil a nis a’ tuiteim; tha e ’gabhail aon sealladh eile air a’ choille ’s air an doire air an robh e eòlach ’s a thaoghail e ann an làithibh a shonais. Slàn leò gu bràth!—A chaoidh cha siubhail e iad; tha luchd a chasgairt a nis r’a taobh: strìgh cha’n ’eil ’na chomas; tha’m buille dol g’a bhualadh; ach cò è uasal an àigh tha le aon fhocal a smachdachadh na faoghaid? cò è tha tighinn a nìos ’na dhianruith, tha ’faicinn an fhéidh tha ’gabhail truais? Cò è tha gairm, Leigibh as e! Faic gach gadhar air a cheangal suas; tha luchd na seilg balbh, ’nan tosd; tha cead nam beann aig an fhiadh; tha seorsa agus sìth, fasgadh agus tèaruinteachd a nis ’na shiubhal ’s ’na ghluasad! Ach cò è an t-uasal àrd? Thà an Righ d’am buin a’ bheinn—righ na dùthcha, ’s e thubhairt, Caomhnaibh am fiadh; thugaibh saorsa dha! A leughadair! éisd agus thoir fainear; tha gliocas r’a tharruing o Fhaoghaid am Fhéidh. An cual thu riamh iomradh air no ’n d’ fhiosraich thu féin faoghaid an anama le lagh Dhé—mar tha ’n t-anam air a chur air theicheadh o gach tèaruinteachd bhreugach mheallta, le iarrtais an lagha air a thòir, o àite gu àite, aig faidheòidh am bheil an t-anam air a shaoradh o fhéin-earbsa, agus air a tharruing gu a dhòchas uile chur ann an Criosd agus annsan amhàin airson tèaruinteachd.—Leabhar nan Cnoc. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 64] [Vol. 6. No. 8. p. 8] Oran do ’n Phiob Thombaca. SEISD. ’S i mo ghaol a phiob thombaca, Ged tha mi ’saoithreach ’gad lasadh, Mur fàgadh tu m’ aodunn cairtidh, Ghab mi tlachd dhiot thar gach ni. ’S toigh leam thu ’sa mhaduinn reòta, ’Chuireadh tu blas feadh mo phòran; ’S ’nuair a thachradh duine còir rium, Dh’fheoraichinn deth “’n gabh thu phiob?” ’S i mo ghaol a phiob thombaca, &c. Ged robh càch a sior chair sios ort, ’S mise nach creideadh an sgiala— Ged a robh mulad ’ga mo liathadh. Thogadh tu gach fiabhras diom. Cha ’n eil cailleach, ’s cha ’n eil bodach Ged robh fiodh as fraoch gu trod orr’ Nach tionndadh gu sith bho ’n chogadh ’Nuair gheibheadh iad toil dhe ’n phiob. ’S bho ’n a shin mi riut an eòlas, ’S tu mo thoilinntinn ’s mo shòlas, ’S cha ’n ionndrainnean sùgh an eòrna ’Nuair theid do cheo air feadh mo-chinn. An àm dol a chadal ’san oi’che, Cha ’n iarrainn caidreabh ri maighdinn; Na ’n cumadh tu toit us graoim rium, Cha ’n fhoighneachdainn gu de phris. Shaoil mi, ’nuair a bha mi gòrach, Nach dianadh do chaidreabh gò dhomh; Ach thug e tarruinn air mo phoca Na chaidh na do sgròban sios. Ach ’nuair chuir mi suas do chùnntas, ’Sann a chithinn gniomh do smùide, ’S chosd mi tuilleadh mor as pùnnd riut, ’S cha robh dh’ ùine ann ach mios. Com na fiallachd, nach iarr airceas, Lamh a riachaid an tombaca, ’M fear nach fiach ’na bhial a bhlas dheth, Saoilidh e gur creach gach ni. ’S i mo ghaol a phiob thombaca, Ged tha mi saoithreach ’gad lasadh; Mur fàgadh tu m’ aodunn cairtidh Ghabh mi tlachd dhiot thar gach ni. Duanag le Saighdear Muileach. LUINNEAG. O ho rò, a nigh’n donn, A nigh’n donn bhoidheach, O ho rò, a nigh’n donn. Gur-a mis’ tha fo airtneal, ’S mi fo bhrataich righ Deòrsa. Is mi giùlan a ghunna Ann an cuideachd a choirneil Thainig litir nach b’ éibhinn A Duneideann nar còmhail. Fhuair sinn òrdugh bhith mearsadh Gu sràid aird nan ceum còmhnard, Gu sràid aird nan ceum, socrach, Leis nach dochainnear brògan. Bha fife fhuaimeach is druma Ga ar cumail an òrdugh; ’Dol air bòrd ann an Lìte; ’S rinn sinn cinnteach as seoladh. Bha luchd-chotaichean ruadha Gan cur suas an deagh òrdagh; Luchd nan còtaichean gearra Gan cur thairis do ’n Olaind. Gur h-ann feasgar Di-sathairn Thug sinn ’n cath. a bha dòineach, ’S iomadh te bha gun cheile ’N am éirigh Di dòmhnaich. Agus nighean fir fearainn ’Bha na laighe na h-ònar; ’N déidh a céile ’thoirt uaipe, Is nach fuasgaileadh òr e; E na shìneadh ’san luachair, ’S fhuil mu ’ghuaillibh a dòrtadh. Bidh a ceann air a cluasaig ’S i ri bruadaran neonach. ’S iomadh òganach riomtrach Bha na shineadh gun deo ann Fo throm phudhar nan cannan, A call fala le dòruinn. Thoir mo shoiridh thar mhonadh ’Nunn gu Muile nam mor-bheann, Far an goireadh a chubhag Anns gach bruthach roimh bhealltainn. ’S thoir mo shoiridh gu m’ mhathair, Bhon ’s i dh’ araich as m’ òig’ mi, Soiridh eile gu m’ phiùthair, ’Tha gam chumhadh gu brònach. Is an t-soiridh s’ gu m’ leannan,— Theid mi dhachaidh ma ’s beo mi, Cha do dh’ fhàg mi thu idir; Tha do litir am phoca. GLEANN-A-BHAIRD. Laoidh. Mo làithean tha ad laimh; Mo Dhia, ’s e sin mo dheòin; Mo bheatha, m’ anam, ’s luchd mo ghràidh, Earbam ri d’ mhaitheas mòr. Mo làithean tha ad làimh, Ge b’e a dh’ iarras tù; Ma ’s dorch’ no soillse, bròn no àgh, An nì is fheàrr ad shùil. Mo làithean tha ad làimh: C’ uim’ geilt is teagamh bochd? Làmh m’ Athar ghràidh cha ’n fhág gu brath A leanabh caomh fo sprochd. Mo làithean tha ad làimh, Mo Shlàn’ghear céusda gràidh! Do làmhan leònt’ le m’ pheacadh mòr, ’S iad nis m’ aon iùl ’s mo stà. Mo làithean tha ad làimh, Riut earbaidh mi a ghnàth; ’S aig do làimh dheis, an déigh mo bhàis, Bidh mi leat shuas gu bràth. BEAG ACH MOR Is beag an ni botul de K. D. C. a thaobh meudachd, ach ’nuair a ghabhas tu na bhios ann air son tinneas-stamaig, chi thu cho mor ’sa tha e. IS E LEIGHSEAS GACH SEORSA DE THINNEASAN-STAMAIG. Tha daoine mora agus matha America ’g a mholadh, oir chuir iad deuchainn air. Na ’m biodh botull dolair de K. D. C. air a dheanamh ’na stuth tana lionadh e càrt: mar sin tha e math agus tha moran ann dheth. Cuir a dh’ iarraidh sampuill. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air tinneasan cuim. K. D. C. COMPANY, Limited, New Glasgow, Nobha Scotia. —agus— 127 State St Boston, Mass. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. [TD 65] [Vol. 6. No. 9. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 27 OGUST, 1897. No. 9. A New Zealand. MARBHADH NAM MUCAN-MARA. Bha mi toirt dhuibh naigheachdan air na mucan-mara bhi tighinn air tir air na cladaichean so bho àm gu am mar dhearbhadh air iad a bhi pailt. Bha an dùthaich so ainmeil o chionn iomadh bliadhna air son i bhi ’gan iasgach. Bha moran shoithichean a’ taghall na h-acarsaid d’an ainm Russell air son a bhi air an ullachadh leis na h-uile ni air am bitheadh iad feumach. Air cuairtean nan soithichean so bhiodh cuid de na sgioba a’ teicheadh anns na h-eileanan air am biodh iad a taghall. Bhiodhte an sin a’ gabhail Mhaoiries nan àite; bha iad-san tapaidh, làidir, agus furasda ’n ionnsachadh. Bha iad so mhath air glacadh nam mucan-mara agus air deanamh gach seòrs obrach timchioll orra. Leis an eòlais sin chaidh àiteachan-iasgaich a shuidheachadh air rudhachan, bho thuath gu deas an taobh an ear na duthcha. Rognhaicheadh iad àite a bhiodh fasgach air son nam bàtaichean a tharruinn sàbhailte gu tir, agus lamh ri cnoc àrd far am faiceadh iad a’ mhuc a’ séideach. Bhiodh goileadair mor air uidheamachadh air son an t-saill a leaghadh gu olla. Thuit pris na h-olla cho mor ’s nach eil an diugh ach aon sgioba soithich ris an obair; tha iad sinn ann an Russell a dh’ ainmich mi cheana. Tha na mucan-mara ’dol gu deas anns an t-samhradh gus an ruig iad am fuachd. Tha iad an sin a grad-thilleadh air ais dh’ ionnsuidh a bhlàiths, agus a taghall aig an dùthaich so san dol seachad. Tha iad a cumail faisg air tir agus creagan, far am bi uisge domhain; tha seòrsa de bhàirnich a fas air an craicionn, agus ’s math leotha bhi faisg air na creagan gus sin a sgriobhadh dhiubh. Tha àite àraidh mu leth-cheud mile tuath air an àite so a tha ainmeil air son glacadh mhucan-mara. Tha lùb anns an oirthir, agus creag mu cheud slat bho thir; agus tha uisge gle dhomhainn anns a’ chaol. Thug na h-iasgairean fa near gu robh na mucan-mara ’dol daonnan troimh ’n chaol sin, agus rinn iad innleachd air son an glacadh. B’e ’n dòigh a ghabh iad lion a chur tarsuinn beul a chaoil. Tha an lion sin air a dheanamh air buill iaruinn da òirleach us cairteal a thiuighead. Cha ’n eil snaim air idir mar a bhios air lin eile; tha gach ròp air dhluthachadh ann an ceanglachan a tha air a ghlasadh ann an cuairteig iaruinn mu thri òirlich an croislin; tha so air a h-uile oisinn de’n lion; leis na ceanglaichean so fhuasgladh tha a mhuc-mhara saor. Tha an lion deich aitheamhan a dhoimhnead; agus mu fhichead aitheamh a dh’ fhad, agus ’nuair a theid àireamh mhor mhirean mar so a chur ri chéile, bidh an t-iomlan còrr us ceud aitheamh gu léir. Theid an liōn a chur tarsuinn beul a chaolais, agus buideil mhora air an àite àrcan. Cha teid a cheangal ro thearuinte; cha bhi a bhristeadh cho mor ’nuair thig teann air. Thig a mhuc ’s i ’n duil an lion a sgriobadh air falbh leatha, agus ’s ann an sin a bhios an ùpraid; cha bhi e idir socrach leatha an lion a bhi m’a ceann agus m’a dh’ fhaoidte a ruighinn seachad air a h-earball. Tha na bàtaichean deiseil, le’n cuid ghathan us innealan-marbhaidh eile agus an ùine ghoirid tha a’ mhuc air a cothachadh. Air a bhliadhna so tha bàta beag smùide aca air son riuth astar fada. Tha na closaichean air an tarruinn gu acarsaid a tha faisg air sin d’ an ainm Whangamumu, far am bheil laimhrig, taighean agus goileadairean mora air son an t-saill a leaghadh. Tha muilleam ann cuideachd anns am bheil na cnamhan air am bleith ’s air an deanamh freagarrach gu bhi air an cur a mhathachadh fearainn. Tha an fheoil, am mionach, agus gach òtrach us eile air an cur gu feum mar an ceudna; cha ’n ’eil ni gun fheum fhéin. Cha b’ àbhaist do’n sgrioba ghlacadh ach ceithir no coig gach bliadhna, ach leis an innleachd ùr so, ghlac iad o chionn da bhliadhna mu fhichead muc-mhara. Cha ’n eil iad cho pailt aig an àm so leis an aimsir a bhi cho blàth; cha do ghluais iad o’n fhuachd fhathast. IAIN ROTHACH. Rudha Mharsden, N. Z., 7, 7, ’97. Eachdraidh Innse Gall. Tha fios agaibh gun d’ thug fear Mr. Màrtainn sgriob air feadh nan eileanan o chionn dà cheud bliadhna. Sgriobh e leabhar air na nithean a chunnaic agus a chual e. Fhuair mi grein o chionn ghoirid air a chuid mhòr do na sgriobh e mu thimchioll Leòdhas, agus fhuair mi mòr thoileachas ann a bhi ’ga leughadh. Is ann ’am Beurla a sgriobh Mr. Màrtainn, ach smuainich mi gun tugadh e taitneas do chuid do mo luchd-duthcha a bhi a leughadh nan cainnt fein, am beagan so do sheann eachdraidh an eilean. Tha Mr. Màrtainn a sgriobhudh mar a leanas. “Is e na pòran a tha iad a reic an so, eòrna, corca, agus seagal (rye), agus tha aca mar an ceudna lion agus còcrach. Tha muìnntir an eilean a braicheadh iomadh seorsa deoch, mar a ta an t-uisge beatha cumanta, agus a ris feur ris an abrar iad treas-tarruing’ (treas-tarrig). Tha e so laidir agus teth agus their muinntir an aite ris ‘uisge beatha Baul.’ Tha da’ làn spàinne gu leoir dhe an fhear so, agus ma dh’ olas neach barrachd air a sin cuiridh a stad air anail, agus cuiridh e a bheatha ann an cunnart. Tha an dà sheorsa deoch so air an deanamh de chorca. “Mun cuairt air seachd mile a deas air Steòrnabhadh tha acarsaid mhaith ris an canar na ’H-eileannan Beithe’ (Birken Isles) an taobh a stigh do na Bhàgh ris an canar Loch Chalum-Chille. Tri mile a deas air a so tha Loch Erisfhord. Tha muinntir an aite a cleachdadh moran eathraichean cuideachd, a ruith an deigh na mucan-mara, ga leantuinn a stigh do na bàigh, gus an lot iad aon dhiubh gu bàs, agus an sin ruithidh i gu tir. Tha a chuid mhor do na mucan-mara air an itheadh leis na daoine cumanta. Tha moran do Chroimheal goirid (coral) a fas air cladach an eileain so. Tha e mu’n cuairt air sia òirlich air fad agus cho tiugh ri ite geoidh. Tha moran dheth a fàs air cladach Loch Shifhord. Tha seann chleachdadh aig muinntir Bharbhais a bhi a cuir duine air a cheud la de na Chèitean seachad trath ’sa mhaduinn air Amhuinn Bharbhais a chum agus nach d’ theid boireannach seachad orra an toiseach, oir tha iad ag radh nan tachradh sin gun cumadh e na bradain fo dhol suas air an amhuinn fad na bliadhna.” Tha cuid de thobraichean an so aig a bheil buaidh iongantach, mar a ta an tobar aig Loch Càrbobhadh nach gealaich anart ged a chaidh fheuchain gu tric le muinntir an aite. Cha bhruich an t-uisge ann an tobar Eaglais Còstens biadh sam bith ged a robh e a goil fad la. Tha tobar Anndra an Siadair air a cleachdadh an uair a bhios duine tinn airson a dhearbhadh ma dh’ fhàsas an duine slan no nach fas. Cuiridh iad neach le saitheach fiodha a dh’ iarraidh beagan dheth an uisge, leigidh an duine sin an soitheach gu socrach aìr uachdar an uisge agus ma thionndaidheas an soitheach deiseal thig an duine air adhart ach ma’s ann tuathal bàsaichidh e. Tha caochladh dhaighnichean, cuid gu nadurrach, agus cuid air an togail le lamhan anns an eilean so, mar a ta Dun-Othail, Dun-Coradil agus Dun-Eisten. Tha dun beagan mhìltean a tuath air Bragair air a dheanamh do chlachan mora. Tha e cruinn agus a fas caol na mhullach agus tha e trì stòir air arda. Tha am balla dùbailt agus tha moran staidhreachan agus dhorsan ann agus mar sin is urrain neach a dhol timchioll an taobh a stigh dheth na ballachan. Tha moran charn chlach air a chruinneachadh air onuic agus cuid dhiubh fada fo aite sam bith ann a bheil clachan mar a ta Cairnwarp faisg air Beinn Mhùrnag.” [TD 66] [Vol. 6. No. 9. p. 2] CLEACHDANNAIBH NAN GAIDHEAL ANNS NA H-AMANNAIBH A DH’ FHALBH. Is mòr an tàing a tha dligheach do ’n Tì a ta ’riaghladh os ar ceann gu ’m bheil sìth agus suaimhneas ’n ar tir agus gu ’m bheil sinn fein agus ar cuid air ar dionadh o gach reubainn agus spùilleadh a bha air an cleachdadh anns gach cearnadh dhe ’n Ghaidhealtachd ri linn ar roimh-aithriche. Is lionmhor cath fuilteach agus creach dhéistinneach, air am feudadh cunntas a bhi air a thoirt, a thachair anns an dùthaich far an d’ rugadh sinn eadar na fineachan. Cha robh a’ Ghaidhealtachd anns na h-amannaibh sin, mar a tha i an diugh, air a dionadh le laghannaibh cruaidh agus cothromach, agus bha a’ bhuil air a’ ghnothuch, oir bha gach ni anns na làithibh buaireasach sin an crochadh ri faobhar a’ chlaidheimh, agus b’ iad na fineachan bu chliùitiche iadsan bu diorrasaiche chum gach creach agus sgrios a chur air an aghaidh. Tha ’n fhirinn gu ’n robh cùisean mar sin, air a deanamh soilleir leis an iomradh a ta againn ann an eachdraidh air gach aimhreite agus tagluinn a bhn eadar na cinn-fheadhna o shean; ach is iomadh gniomh cruadalach a rinneadh air am bheil eachdraidh na rioghachd gu tur ’n a tosd, agus air am bheil iomradh againn a mhàinn trid béul-aithris. Nach lionmhor gniomh euchdach agus allail a rinneadh ann an garbh-chriochaibh na h-Alba, ri linn an tréun-laoich ghaisgeil sin Rob Ruadh Mac Griogair! Bha Rob Ruadh ’n a chuiridh làidir agus teòma, ach an déigh sin rinneadh iomadh euceart agus fòirneart air, agus feudar a radh m’a thimchioll:— Chaidh e stigh do na blàraibh, Le mòr-shunnd agus làn toil; ’N àit bhi meath-chridheach, sgàthach, ’S ann bha mhisneach ’sir fhàs da; ’S ged bu tric e ’s an àr-fhaich’ Thug a thuigse ’s a thàbhachd, Da a mach a’ bhuaidh-làrach, ’S cha bu mhios a làmh air an tòir. Ach aimhreiteach ’s mar bha staid na dùthcha ann an làithibh Roib Ruaidh, bha i moran ni bu mhiosa linntean roimhe sin, an uair a bha beatha agus bàs gu h-iomlan ann an làmhaibh nan ceann-feadhna. Ach dh’ aindeoin gach fuil a dhòirteadh, cha robh e an comas lagh na rioghachd an toirt fo smachd. Co-dhàingnichidh an sgeul a leanas sin agus ioma sgeul eile a dh’ fheudadh a bhi air an aithris cosmhuil rithe. Goirid o cheithir cheud bliadhna roimhe so rugadh oighre air Gart, aig bun Ghlinn-Liobhainn do ’n d’ thugadh cioch le t’e de Chloinn Dhiarmaid. Bha dithis mhac aice, aon diubh comh-dhalta do oighre Ghairt, agus am fear eile na bu shine na sin. Dh’ fhàs an t-oighre suas ’na òganach sgiamhach agus gaisgeil, agus cha robh a chomh-dhalta a bheag sam bith air deireadh air, a thaobh misnich agus tàbhachd. Aig an àm sin bha an earrann bu mho de Ghleann-Liobhainn le cloinn Iabhair, cinneach dalma agus cruadalach, a chaill còir air an oighreachd goirid an déigh do ’n sgéul a leanas tachairt. Dh’ éirich aimhreite eadar am mac a b’ òige bh’ aig banaltrum oighre Ghart, agus aon de chloinn Iabhair; agus air do ’n òganach moran tàmailt fhaotainn thubhairt e ri Mac Iabhair, “Mar is beò mise, a Mhic Iabhair, bheir oighre Ghart ort gu ’n diol thu air son so fathast.” Dhealaich na fir agus cha do chaill an t-òganach agus a bhràthair uine sam bith gus an d’ thug iad Caisteal Ghart orra, a chur an ceill do ’n uachdaran mar a thachair. Chual Clann Iabhair gu ’n do ghabh na h-òganaich an t-slighe gu Gart agus air ball, chuir iad an ruaig orra. Thàinig iad air an da bhràthair gun fhios gun aire dhoibh, ach air doibhsan an cunnart fein fhaicinn ghrad léum iad a stigh do linne dhomhainn ann an Liobhiann ’s an dòchas nach leanadh Clann Iabhair leis an eagal iad. Ach ged nach deachoidh Clann Iabhair a stigh do ’n amhainn, gidheadh, thilg fear diubh saighead air na h-òga bha ’s an linne,—leònadh comh-dhalta Ghart gu searbh,—thuit e sios do ghrunnd na linne, agus bhàthadh e. B’ e Dòmhnull Mac Dhiarmaid a b’ ainm da, agus goirear, “Linne Dhòmhnuill” ris an àite gu ruig an là an diugh! Fhuair an t-òganach eile comas teichidh, agus ràinig e Gart. Dh’ innis e do ’n tighearna òg mar a thachair, agus air da a bhi làn corruich air son mar a bhuin Clann Iabhair ri chomh-dhalta, chuir e roimhe bir ball aichmheil a thoirt a mach, agus a bhàs a dhioladh. Chruinnich e gu h-ealamh a chuid daoine, agus ràinig e Gleann Liobhainn air an ceann. Air do Mhac Iabhair cùisean a thuigsinn, chruinnich esan, mar an ceudna, a luchd-leanmhuinn fein, agus chòmhlaich e Gear-Ghart aig meadhon a ghlinne. Air do na seoid coinneachadh, chuir iod fàilt air a chéile, agus labhair iad dh’ fheuchainn an rachadh cùisean a shocrachadh gu ’n bhuille a bhualadh. Bha breacan air guaillibh Ghart air an robh taobh dearg, agus taobh dorch, agus thuirt e r’a chuid daoine, iad a bhi deas gu bualadh air na naimhdibh gun mhoille, gun bhàigh, na ’n cuireadh esan taobh dearg a’ bhreacain a mach! Is gann a thug e an àithne so seachad, an uair a rinn Mac Iabhair fead, agus ghrad leum moran dhaoine fo ’n làn armachd á bad coille a bha goirid o laimh, agus sheas iad maille ri ’n ceann-cinnidh, agus ris na fearaibh a bha còmhladh ris, a labhairt ri Gart. “Co iad sin,” ghlaodh Fear-Ghart, “agus ciod an gnothuch an so?” “Is iad sin,” ars’ Mac Iabhair, “treud de na h-earbaibh agamsa, a ta léumnaich air feadh nan tonn agus nan creag.” “Direach ceart,” ars an t-òigear eile, “ma ’s ann mar sin tha ’chuis, tha ’n t-àm agamsa a bhi ’gairm mo mhiol-chon.” Ghrad-thionndaidh e an taobh dearg de ’n bhreacain a mach, agus am priobadh na sùla, bha na fir am badaibh a cheile. Car ùine bha ’n tuasaid teth agus garg, agus bha closa chean nam marbh ’n an luidhe gu tiugh air an raon. Ma dheireadh, theich a’ chuid a bha lathair de chloinn Iabhair,—thug iad na beanntann orra, agus a mach o’n là sin chaill iad am fearann. Tha e air innseadh nach bu mhor a chaill Gart anns an tuasaid sin, ach gu ’n do thuit corr agus seachd fichead de na Liobhannaich thruagha, agus gu’n d’ fhàgadh an closaichean gu ’n deo re na h-oidhche air na raointibh far an do thuit iad. Tha iomadh cuimhneachan air an là fhuilteach sin fathast anns a’ Ghleann an do thachair e. Mu ’n do thòisich an cath, thilg fir thighearna Ghart an cuarain bhàrr an cosaibh, a chum gu ’n ruitheadh iad na bu luaithe air an tòir, agus theirear “Leac nan cuaran” fathast ris an àite ’s an d’ rinn iad sin. Tha mar an ceudna “Rùisgeach,” “Lagan a’ chatha,” agus “Camus nan càrn,” mar ainmean fathast air na h-àitibh sin far an do rùisg iad an claidhean,—an do chuir iad an cath,—agus an d’ adhlaic iad na daoine a thuit. Tha ’n amhainn fein ’n a cuimhneachan air an la fhuilteach sin, oir roimh an àm sin, b’e “Duibh” a b’ ainm do’n amhainn, agus “Gleann Duibh” a b’ ainm do ’n ghleann. Ach an uair a phill Fear-Ghart agus a chuideachd o’n ruaig, “lîobh” no ghlan iad an claidhean fuilteach anns an amhainn, gus an robh an t-uisge dearg; agus an sin, ghlaodh an ceann-cinnidh a mach, ag ràdh, “Cha ghoirear ‘Duibh’ mar ainm air an uisge so tuilleadh, oir, o là liobhaidh nan arm, bithidh ‘Lîobhann’ mar ainm air ‘Duibh.’” Féudar a nis cunntas a thoirt air la fuileachdach eile a thachair goirid o’n àite cheudna, beagan bhliadhnaichean roimh àm na téugmhail eadar Fear-Ghart agus Mac Iabhair. Thàinig tighearn Airdghobhar air sgriob do Raineach, agus phòs e nighean do thighearna Shruthain, ceann-cinnidh Chloinn-Dhonnachaidh. An uair a thug fear Airdghobhar a bhean fein leis dh’ ionnsuidh a’ chaisteil fein, chuir Fear Shruthain coignear ghillean sgairteil maille ri ’nighinn, a bha ’n an càirdibh dileas dh’ i fein, agus anns am feudadh i a h-earbsa a chur am measg choigreach. Thug uachdaran Aird-ghobhar seilbh fearainn do ’n choignear òganach sin dlùth d’ a h-àite comhnuidh fein, agus rinn e gach ni ’n a chomas chum gu ’n soirbhicheadh leo. Bha iad measail aig muinntir Airdghobhar air sgàth na baintighearna, air an robh mor-mheas aca, agus cha ’n eil teagamh, nach gabhadh iad fein, agus an sliochd ’n an déigh comhnaidh air fearann Airdghobhar, mur b’e mar a thachair. Bha gach aon de ’n choignear a chaidh á Raineach, tréun agus gaisgeil, ach thug am fear bu lugha dhiubh barrachd air càch uile do thaobh gaisg’ agus tapachd, ach gu sònraichte do thaobh a theomachd eucaich le bogha agus le saighid. B’e Alasdair Beag Mac Dhonnachaidh a’ b’ ainm do ’n òganach ealanta so, agus cha b’ fhad gus an do dhùisg a lùth-chleasan eud agus gamhlas ann an cridheachaibh luchd-leanmhuinn Airdghobhar ’n a aghaidh. Là de na [TD 67] [Vol. 6. No. 9. p. 3] làithibh dh’ éirich connsachadh eadar Alasdair Beag agus òganach sgiamhach eile de mhuinntir Airdghobhar. Chaidh na fir am fionnsgan a chéile, ach cha b’ fhada gus an do leag Alasdair Beag an t-òganach gun deò air an làr! Cha deanadh fuireach feum tuilleadh; b’ éigin do Mhac Dhonnachaidh am fireach a thoirt air. Thug e na buinn as air ball, agus cha do ghabh e tàmh no fois gus an d’ ràinig e a cheann-feadhna euchdach agus cruadalach fein, “Iain Dubh Gear,” no mar a theireadh iad ris, “Iain Dubh nan lann,” a bha ’gabhail comhnaidh ann an Gleann Duibh, ris an abrar a nis Gleann-Liobhainn. Dh’ innis e do ’n tréun-laoch Iain Dubh, mar a dh’ éirich dha ann an Airdghobhar, agus thubhairt Iain ris, “Cha ’n eagal duit, a Mhic Dhonnachaidh; gabh fasgadh fo m’ sgéith-sa, agus ma thig mac màthar á Airdghobhar a chur dragh’ ort, cha teid e dhachaidh a dh’ innseadh a sgeoil. Fàgaidh sinn a nis Iain Dubh agus Alasdair Beag ann an Gleann-Liobhainn, a’ tighinn air an gniomharaibh gaisgeil fein fa seach, agus theid sinn le ’r sgeul, car tamuill bhig do Shrathghlais, ann an siorramachd Inbherneis. Air là àraidh bha ’n Siosalach, uachdaran Shrathghlais, agus buidheann thaghta maille ris, a mach a’ sealgaireachd air feadh nam beann. Air doibh a bhith air an sàruchadh le siubhal nan beann, chaidh iad a steach aig cromadh an anmoich do bhothan bantraiche truaighe, a bha ri taobh an rathaid, agus gun a cead iarraidh mharbh agus dh’ ith iad an t-aon laogh a bha air a seilbh. Co a thachair a bhi stigh ’s an àm ach duine bochd á Gleann Liobhainn, a bha siubhal o àite gu àite ag iarraidh na déirce. Cha robh na cùisean a’ còrdadh ris an duine bhochd, air chor sam bith, agus thòisich e ri bhi ’cur dheth agus a’ gearan. Thionndaidh an Siosalach, agus thubhairt e, “Ciod a tha ’cur ort, a bhodaich leibidich, dhranndanaich?” “Cha ’n eil a bheag,” deir an duine bochd, “ach tha fios agam air aon ni, ’s cha bhinn leat a chluinntinn,—tha fios agam far nach biodh a chridhe aig an t-Siosalach e fein a ghiulan mar a rinn e ’s a’ bhothan so.” Las an ceann-cinnidh uaibhreach le corruich, agus thubhairt e, “Innis domh, a bhodaich, c’àit nach biodh a chridhe agamsa mo thoil fein a dheanamh?” “Tha,” deir am bodach, “ann an dùthaich Iain Duibh nan lann.” Mhionnaich an Siosalach gu ’m biodh dearbhadh aigesan air sin mu ’n rachadh moran làithean seachad. Thuig an duine bochd nach biodh cùisean réidh, agus cha do chaill e ùine sam bith gus an d’ ràinig e Iain Dubh nan lann, agus gus an d’ innis e dha focal air an fhocal mar a thachair. Fhuair Iain Dubh coire mhor do ’n duine bhochd air son a luathais-theanga, ach thug e maitheanas da, agus thòisich e air gach ni a dheanamh deas air son teachd an t-Siosalaich. Cha b’ fhad a chuir an Siosalach dàil ’s a’ ghnothach, oir cha deachaidh seachdain thairis, an uair a bha fir Shrathghlais, agus an uachdaran air an ceann air fraighibh Ghlinn-Liobhainn. Bha freiceadan aig muinntir a’ Ghlinne a mach a ghabhail beachd air gach beinn agus beallach, agus chunnaic iad na Tuathaich naimhdeil a’ tarruing am fagus. An uair a roghnaich an Siosalach àite-taimh freagarrach air a shon fein, agus air son a cheatharnach, chuir e teachdaireachd dh’ ionnsuidh Iain Duibh, ag innseadh dha cuirm a bhi deas aige air son beagan cuideachd a bha teachd a dh’ amharc air o’n àirde-tuath; “agus mur bi,”—ars an Siosalach, ach cha dubhairt e tuilleadh. Fhuair Iain Dubh an teachdaireachd, agus thuig e gu ro mhaith a seadh. Ghrad chuir e fios air ais gu ’m biodh gach ni deas a bha freagarrach air an son, agus iad a thighinn air an aghaidh gu h-ealamh, “ach,” ars Iain Dubh, “ma thig,”—agus stad e an sin. Thuig na laoich air gach taobh gu ’n robh na cùisean gu bhi garbh, agus air gach taobh rinneadh gach uidheamachadh air a son. Chaidh na Siosalaich gu faiceallach air an aghaidh, agus bha Iain Dubh mar gu ’m b’ ann air eutromas-céille le mire-chatha, chum deannas cruaidh, teth, a thoirt doibh. Bha seachdnar mhac aige, òganaich co ealant’ agus clis ’s a ghiulain riamh iubhar, agus saighead, agus dòrlach! Chaidh ceathrar diubh air laimh dheis an athar, agus an triuir eile air a laimh chli, maille ris an robh mar an ceudna, Alasdair Beag Mac Dhonnachaidh, a bha comharraichte ’n a linn fein air son cuimse a ghabhail le saighid. Thairinn an Siosalach air ceann a chuid dhaoine, chum na h-aibhne, an uair a bha na Liobhannaich thall fa ’n comhair air an taobh eile. Bha ceann-feadhna Shrathghlais air éideadh o ’bharr gu ’bhonn le lùirich-lannaich, clogaid, agus ceann-bheart, air chor ’s nach ruigeadh saighead air a leonadh. Bha ’n là soilleir, grianach, teth, agus chunncas gathanna na gréine miltean air astar, a’ dearrsadh mar ghrad-bhoisgeadh an dealanaich air armachd nan laoch! Thog an Siosalach a chlogaid suas os ceann a shùl, agus air a’ mhionaid sin thilg Alasdair Beag saighead a bhuail an clàr an aodainn air ceannard Shrathghlais! Ghrad spàrr an duine leònta a làmh, air an lot, ach ghlaodh Mac Dhonnachaidh, “A Shiosalaich, gheibh thu an t-saighead air do chùlaobh,”—ach bha ’n Siosalach gun chomas freagairt, oir thuit e marbh ’s an làraich. Tha ’n t-àite far an d’ thug e suas an deò fathast air a chomharrachadh a mach le cloich mhoir, ris an abrar gus an la ’n diugh,—“Clach an t-Siosalaich.” An uair a chaill na naimhdean an ceannard, threig am misneach iad, agus thionndaidh iad an cùl air na Liobhannaich. Chuir Iain Dubh Gearr an ruaig orra, agus cha d’ fhàgadh mac màthar diubh beò, ach am piobaire a mhàin. Thugadh cead dhàsan dol dhachaidh a dh’ innseadh sgeul a’ bhròin d’a chàirdibh agus d’a chinneadh. Beagan an deigh sin thug Iain Dubh nan lann a nighean ’n a mnaoi do Alasdair Beag Mac Dhonnachaidh, agus tha e air aithris gu ’m bheil an sliochd-san fathast lionmhor anns na criochaibh sin. Bha na h-amanna sin searbh agus garbh, ach chaidh iad seachad. Uime sin, biodh an luchd-leughaidh uile, agus muinntir na tire gu leir, taingeil do ’n Uile-chumhachdach, nach eil eòlas aca air na h-amannaibh sin, ach a mhàin ann an iomradh, agus ann an eachdraidh.—SGIATHANACH, ’sa Ghaidheal. Calldachadh na Mnatha Ceannlaidir. Bha tuathanach, uair a bha sud, ann an Craignis ann am baile d’ an ainm Barrabaothan, agus cha robh aige ach aon nighean. Bha an nighean so na ’searbhanta air leth math, ach bha i air a milleadh le a màthair, agus air di a bhi mallaichte, ceannlaidir, na ’nàdur, bha cead aice gach nì a dheanamh a thogradh i. Bha a rìs, fear-an-tighe fo smàig aice fhein ’s aig a màthair ionnus nach fhaodadh e ni air bith a dheanamh ach mar a dh’ òrdaicheadh iad dha. Dh’ fhéumadh e tòiseachadh air obair anns a’ mhadainn an uair a dh’ iarraidh iad air, agus cha’n fhaodadh e sgur gus am faigheadh e an cead. Ann an Ascnis, baile fa ’n comhair, bha gille òg ag cumail na h-oibre air a h aghaidh mar a b’ fhearr a b’ urrainn da, agus gun aige do chùl-taice ach a mhàthair. An àm Earraich ’us Fogharaidh bhiodh iad ga ’n sàrachadh gu goirt leis nach robh aca ach iad fhein. Bha fhios aig an tuathanach òg gur h-e lìonmhorachd nan làmh a ni aotrom an obair, agus smaoinich e nach b’urrainn da ni a bu fhreagarraiche ’dheanamh na bean fhaotainn. An deaghaidh so a bhi greis a’ ruith na ’mhailthean thuirt e, là ’bha sin ri ’mhàthair, agus iad aig am biadh, gu’n robh e am beachd pòsadh. “Ma tà, a mhic,” ars ise, “tha sinn gun teagamh air ar cur h-uige glé mhór ’s gun againn ach sinn fhein, agus ma gheobh thu té fhreagarrach, tha mise làn toileach; cha mheas thu e cearr dhomh ’fheòraich co a tha na d’bheachd.” “Ma tà, thà dìreach nighean fear Bharrabaothain.” “Ni Math ga ’r dion! A mhic gu dé thà thu ’ciallachadh? Nach ’eil ’fhios agad gu’m bheil i air droch ainm fhaotainn am fad ’s am fagus?” “Thà gu math, ’s ge do thà, cha’n ’eil aon ’s an àite a theid air thoiseach oirre ann an searbhantachd.” “Tha i sgairteil gu leòir,” ars ise, “ach an uair a thig i faodaidh mis’ an tigh fhàgail.” “Cha’n fhaod idir,” os esan, “’s cha smaoinich sibh air; na bithibh fo iomaguim sa bith, bheir sinn deuchainn di co dhiùbh.” Chuir an gille, an sin, a ghnothuichean an òrdugh, agus an ùine ghoirid rinn e deas gu falbh g’a h-iarraidh. An uair a bha e fàgail an tighe thuirt e ri a mhàthair i chur gach ni ann an òrdugh cho math agus a dh’ fhaodadh i, agus gun i ghabhail suim dheth-san ged a gheobhadh e coire dhi an uair a thilleadh e. Thuirt ise gu’n deanadh i sin, agus dh’ fhalbh e. An uair a ràinig e bha fear Bharrabhaothain a mach ’s an dail a’ treabhadh. An (Air a leantuinn air taobh 70.) [TD 68] [Vol. 6. No. 9. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 27 OGUST, 1897. Tha duine anns na Stàitean an dràsda ag agairt còir air mor-roinn Nobha Scotia. Tha e toileach a dhearbhadh gu ’m buineadh an dùthaich d’a shinnsirean le còir o righ na Frainge, agus tha e ’deanamh a mach gu bheil gach còir a thug righrean na Frainge d’ an iochdarain seasmhach gus an latha ’n diugh, a thaobh nan còrdaidhean a bh’ air an deanamh eadar an Fhraing us Breatann nuair a fhuair Breatunn còir air Nobha Scotia. Ach ’se ’s dòcha nach fhaigh e greim air Nobha Scotia idir; tha e tuilleadh us fada gun a chòir a chur an céill. Chaidh dithis nighean oga a bhàthadh ann an acarsaid Halifax Di-màirt s’a chaidh. Bha iad fhein us piuthar dhaibh a mach a snàmh, agus chaidh iad-san a mach far an robh an t-uisge ro-dhomhain. Bha am màthair air tir ’gan amharc, agus ’nuair a chunnaic i ’n cunnart anns an robh iad, chaidh i a mach, ach cha d’rinn i ach a beatha fhéin a chur an cunnart, gun chuideachadh sam bith a dheanamh leotha-san. Bu nigheanan iad do Ioseph Brown, a tha ’na cheannaiche anns a bhaile. Chaidh gille òg, aois sheachd bliadhn’ deug, Iain Ailein Mac Aoidh, a bhàthadh ann an dama muillne faisg air Dundas, E. P. I., feasgar Di-luain. Bha e-fhéin us triùir ghillean eile a’ snàmh, agus dh’ fheuch esan ri snàmh o thaobh gu taobh dhe ’n dama; ach chaidh a chasan an sàs ann am fiar-fiadhaich, agus chaidh e fodha. Cha b’ urrainn do chàch cuideachadh sam bith a thoirt da; bha bàta air an dama, ach bha na ràimh fo ghlais anns a mhuillinn. Tha ministeir anns an tigh-obrach an Kingston, Ontario, air son mort a mhnatha. An la roimhe dh’ aidich fear a th’ anns a phriosan an Indianapolis gu’ m b’ esan agus fear no dha eile a rinn am mort. Bha iad air son an tigh a robaigeadh. Tha mo an de ’n luchd-lagha dhe ’n bharail gu bheil e ’g innse na firinn. O chionn ghoirid bha gille beag a’ cluich air fàradh, air madainn na Sàbaide. Shuidh e air fear dhe na rongais, ’s bha e ’g oibreachadh a chasan mar gum biodh e’ cuir mu’n cuairt cuidhle. “De tha thu cluich mar sin?” arsa mhathair. “Tha mi cluich gur e ’m fàradh-sa mo bhaisicle,” ars’ esan. “Nach eil fhios agad nach eil e ceart a bhi suibhal gu diomhainn le baisicle là na Sàbaid?” “O mhamaidh, ach tha mise cluich gur h-Iudhach mi.” Tha e air aithris gu robh dà Eirionnach aon uair a’ glanadh a mach tobar domhainn. ’Nuair a bha ’n obair ullamh, thòisich am fear a bha gu h-àrd air tarruinn air an ròp a bha togail an fhir eile. Bha ’n ròp a ruith thairis air ulag a bha gu h-ard os-cionn teis meadhoinn an tobair. An deigh dha a charaid a thogail leitheach slighe, dh’eigh e, “A Phat, cum greim ort fhéin gus an cuir mise smugaid air mo làmhan.” Mamaidh a’ ceasnachadh a ghille-bhig mu thimchioll gleadhraich air choireigin:—“Mo ghille maith, shaoil leam gu’n dubhairt thu rinn gur h-e ’n gille beag ’san tigh ud thall a rium a fuaim uile gu leir.” “Thuirt, a mhamaidh. Thuibhairt mi sin. ’Se rium e cuideachd. Bha mise a gabhail dha le maide!” Ann an aon eaglais am baile-mor Lunnainn, bha ochd càraidean deuga air am pòsadh air a’ cheud Shàbaid dhe ’n mhios so. Tha an latha sin gle mheasail aig càraidean òga air son pòsadh, ach ’s fhada ’n ùine o nach deachaidh àireamh cho mor a phòsadh air an aon stòl. Fhuair sinn airgead ann an litir air an t-seachdain so, agus gun sgriob sgriobhaidh innte a dh’innseadh co chuir ugainn e. Chaidh an litir a chur an làmhan a phosta ann an baile Vancouver, B. C. Am bi esan a chuir ugainn e cho math ’s gu’n innis e dhuinn co e. Tha an crithneachd air fàs gu math daor air an fhoghar so; tha e nise creic air dolair am buiseal. Ma chumas a’ phris cho àrd sin, ni tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar-Thuath am fortan, oir tha ’m bàrr crithneachd anabarrach trom am bliadhna. Cha do ghabh na Stàitean a stigh Eileanan Hawaii fhathast, ged a bha ’san ainm gu robh sin ri bhi air a dheanamh an ùine ghoirid. ’Se ’s coltaiche nise nach eil an t-aonadh gu bhi air a dheanamh idir. Duine gun each, gun eithear, is fad’ a shac air deireadh. Cho fad ’s a bhios fiodh ’s a choill, bidh car anns a Charranach. Cha’n urrainn an sionnach fhéin a bhi ruith daonnan daonnan. D’ fhag Lachunn a chroit. Cha ’d fhag is i a chroit a d’ fhag Lachunn. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 69] [Vol. 6. No. 9. p. 5] NAIDHEACHDAN. Leugh ainmean na feadhnach a phàigh. Am bheil d’ ainm fhéin ann? Am bu choir e bhi ann? Cuin a bhitheas e ann? Chaidh còrr us ceud sabhal a chur as a chéile ’sa mhilleadh ann an Ontario o chionn da sheachdain air ais. Bha stoirm mhor ann, le tàirneanaich us dealanaich. Chuireadh ochd fichead us tri mile deug (173,000) tunna guail a mach as na mèinnean a tha fo làimh cuideachd a ghuail, air a mhios a dh’ fhalbh. Bha sin na b’ fhearr na rinneadh mios sam bith roimhe. Chaidh dithis dhaoine bhàthadh ann an acarsaid Halifax oidhche Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh. Thuit fear dhiubh a mach á bàta, agus ged a bha àireamh ’ga fhaicinn chaidh a bhàthadh. Bu sheòladair bhar soitheach Suaineach am fear eile. Thatar a’ deanamh moran càise ann an Eilean a’ Phrionnsa. Tha aon duine, T. J. Dillon, a laimhsich fiach da cheud gu leth mile dolair dheth o thoiseach an t-samhraidh. Bu chòir do thuathanaich Cheap Breatunn a bhi deanamh barrachd caise na tha iad. Gheibhear anns an àireamh so ainmean na feadhnach a phàigh o chionn da sheachdain. Tha “Iadsan a phàigh” a’ fàs beagan na ’s lionmhoire, ach tha gu leór nach d’ rinn an dleasanas fhathast. Tha sinn an dòchas nach dean iad an tuilleadh dearmaid air MAC-TALLA. Tha coi-thional Ghrand River a’ cur gairm aon-ghuthach dh’ ionnsuidh an Urr. Iain Fhriseil, ministeir a’ Chladaich a Tuath. Tha Mr. Friseal an deigh gairmean fhaotainn á àireamh choithionalan o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais, ach cha ’n fhac’ e fhathast an t-slighe reidh roimhe gus an t-àite anns am bheil e fhàgail. Fhuaireadh corp duine air cladach Sight Point, faisg air Mabou la na Sàbaid s’a chaidh. Bha na casan ’s na lamhan air falbh dheth, agus an fheoil air cnàmhadh. Cha ’n eil fhios có e, no c’àite ’m buineadh e. Bha pàirt de chuid aodaich uime, ach cha robh ni anns na pòcaidean. Chaidh a thiodhlacadh ann an cladh nan Caitliceach am Mabou. Chaochail boirionnach d’ am b’ ainm Lùsaidh Nic Fhionghain ann an Acarsaid Chloinn Fhionghain air an t-seachdain s’a chaidh. ’Se dh’ aobharaich a bàs leònadh a fhuair i anns an aodunn le forc fheòir. Bha i-fhéin agus te eile ag obair air mir fheòir, nuair a chaidh an fhorc a bh’ aig an te eil ’n sàs ’na h-aodann-se, ’ga leònadh cho dona ’s nach robh i beò ach beagan lathaichean. A sheachdain gu la na Sàbaid s’a chaidh, fhuaireadh Micheil Mac Leoid, fear-cumail an tigh-sholuis air Point Prim, E. P. I., marbh na leabaidh. Bha e cumail an t-soluis o chionn cheithir bliadhna fichead. Bha e coimhead an t-soluis fad na h-oidhche, chuir e as na lampaichean ’sa mhaduinn, agus chaidh e dhachaidh a chaochladh. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh aois. Cha robh duine anns an tigh ach e-fhéin. Cha ’n eil fhios co-dhiu bha gus nach robh e tinn. Tha Sacramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh aig na Forks, la na Sàbaid. Thatar ag obair air eaglais St. Andrew’s, agus cha bhi i ro fhreagarrach air son na seirbheis a bhi innte; mheasadh iomchuidh mar sin an t-seirbheis a bhi gu h-iomlan aig na Forks. Thòisich an t-seirbheis Dior-daoin. Tha an t-Urr. Alasdair Ros á Hogamah a’ searmonachadh còmhla ris an Urr. Mr. Forbes. La na Sàbaid, agus lathaichean eile ma bhios sluagh mor cruinn, bidh a’ Ghàilig air a searmonachadh a muigh. Tha Somhairle C. Caimbeul, am Baddeck, air a chur gu Eilean Phòil a cumail an tigh-sholuis. Bha e ’san obair sin roimhe fad còrr us fichead bliadhna. Bha triuir mhnathan aig cùirt ann am baile Halifax air an t-seachdain s’a chaidh air son a bhi air an daoraich. Cha mhath an innse sin air ceanna-bhaile na mor-roinn. Tha am fiar gle mhath an Eilean a’ Phrionnsa air an fhoghar so. Tha am bàrr gràin gle mhath air talamh àrd, ach an àiteachan iseal, tha e fad air ais. Tha am buntàta gu bhi gle math. Tha measan de gach seòrsa gu bhi gann. Ged nach robh sinn ’gam faireachadh an so, bha tàirneanaich us dealanaich ann gle thric am bliadhna, agus rinneadh call nach bu bheag leotha. Bha taighean agus saibhlean air an losgadh, agus ann an caochladh àiteachan chailleadh beatha dhaoine leotha. Tha eaglais ùr Chaitliceach ri bhi air a fosgladh air an Eilean Mhor la na Sàbaid, a cheud eaglais Chaitliceach a dh’ fhosgladh air an eilean. Tha an t-Urr. Seumas Quinan, sagart Shidni, ri bhi air ceann na seirbheis, air a chuideachadh le àireamh de shagairt eile. Bha soitheach-cogaidh leis na Stàitean, am Marblehead, anns an acarsaid da latha toiseach na seachdain so. Thainig i stigh feasgar Di-luain, agus dh’ fhalbh i Dior-daoin. Bha soitheach Frangach a stigh cuideachd, agus chosg iad roinn mhath de dh’ fhùdar a’ fàilteachadh a chéile. Chaidh tigh tuathanaich d’ am b’ ainm Deòrsa Hudson, ann am Manitoba, a losgadh gu lar oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha a bhean agus ceathrar chloinne air an losgadh gu bàs. Bha an tuathanach fhéin air falbh aig an àm, agus cha d’ fhuaireadh a much mar a thachair gus ’n do thill e. A dh’ aindeoin gach comhairle thatar a toirt orra, tha àireamh mhor dhaoine air an t-slighe gu Klondyke. B’ fhearr dhaibh fuireach far am bheil iad gu earrach, ach cha dean iad sin, agus ’se ’s dòcha gu’m bi an t-aithreachas orra. Tha an geamhradh a nise tòiseachadh anns an dùthaich sin, agus cha ’n e duine cumanta a tha comasach air faighinn innte re na h-aimsir sin. Iadsan a Phaigh. Domhnull Mac Cuthais, Seana Bhridgeport. Aonghas Mac Cuthais, Seana Bhridgeport. Calum Mac Ille-mhaoil, Drochaid Albert. Seumas Mac Gilleain, Rathad a’ Chléirich. Bean Mhurchaidh ’Ic Leoid, Inle, Baddeck. Iain A. Gillios, S. W. Margaree. Coinneach A. Mac Fhearghais, L’Ardoise. An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne. Uilleam Domhnullach, Drochaid Mharion. Ruairidh M. Mac Coinnich, Sidni. Padruig Mac Ille-mhoire, Sidni. Ailein D. Mac Eachuinn, Sidni. A. R. Mac Neacail, Acarsaid Bharrachois. Raonaid Nic Gilleain, Rathad nam Frangach, 50c Donnachadh Rothach, Cornwall, Ont. $2.00 Cairistina Nic Aidh, Ripley, Ont. D. Mac Fhearghais, Penetanguishene, Ont. Alasdair Mac Ealair, Penetanguishene, Ont. Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont. An t-Urr. Iain Gillios, Dundas, E. P. I. $3.00 F. A. Gemmel, Selkirk, Man. A. R. Domhnullach, Albany, N. Y. Miss C. L. Smith, Laconia, N. H. Iain A. Caimbeul, Charlestown, Mass. Ceit F. Nic Leoid, Peveril, Que. Tormaid Moireastan, Peveril, Que. Iain R. Domhnullach, Whitwick, Que. D. B. Mac Amhlaidh, Milan, Que. Niall Mac Leoid, Dun-Eideann, Alba. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .30 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 70] [Vol. 6. No. 9. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 67.) deaghaidh dhaibh fàilte a chur air a chéile agus beagan conaltraidh a bhi aca, dh’ innis an t-òganach ciod a chuir an rathad e. “Ma tà, ’ille,” thuirt an seann-duine, “tha thu cur ioghnaidh orm—tha thu ’cur iongantais mhóir orm, tha mi cinnteach nach ’eil a nàdur an aineol ort ach searbhanta a’s fhearr cha do chuir dà làimh á gualainn. Ma tha thu fhein am beachd gu ’n dean thu leatha tha mise làn toileach a thoirt dhut.” “Fuasglaibh na h-eich, ma ta,” thuirt an t-òganach, “agus theid sinn thun an tighe.” Cha robh a shaod air an tuathanach na h-eich a leigeadh ma sgaoil agus an deigh tuilleadh ìmpidh, ’s ann a fhreagair e, “’Ille, cha’n ’eil a chridhe agam am fuasgladh mu’n àm so a latha; ma theid mi dhachaidh an ceart uair bheir iad an craicionn diom.” “Fhalbh, fhalbh, gabhaidh mi fhein ur leisgeul car aon oidhche,” thuirt an suirdheach; agus thug iad na h-eich as a’ chrann, agus choisich iad le chéile thun an tighe. “Nis,” thuirt an seann-duine ’s iad a’ dlùthachadh ris an tigh, “ma their mise gu’m faigh thu i, faodaidh tu bhi cinnteach nach fhaigh thu i, ach ma their mi nach fhaigh, bi cinnteach gu’m faigh.” “Bitheadh e mar sin fhein, ma ta,” ars an suirdheach, agus chaidh iad a stigh le chéile. Chaidh fàilte ’s furan a chur air an tuathanach òg, agus biadh a chur a làthair, ach shuidh fear an tighe aig an dorus. “So, so,” thuirt bean an tighe, “suidh a nìos, gu dé ni thu ’fuireach aig an dorus.” Shuidh e suas agus an uair a bha iad uile cruinn, dh’ innis an t-òganach aobhar a thuruis; gu’n robh e toileach dol fo cheangal pòsaidh leis an nighinn, na’m b’ e ’s gu’m biodh iad aon-sgeulach gu léir mu’n chùis. “Ma tà, ’ille,” thuirt a h-athair, “tha mor mheas agam ort, agus tha ’fhios agam gur h-araidh thu oirre, ach tha sinne nis air tarruing ann an aois, agus cha’n urrainn duinn feum a dheanamh as a h-aonais; tha mi duilich nach urrainn duinn a seachnadh.” “Cò thuirt nach b’ urrainn duinn a seachnadh?” ars a màthair, “tha mise ag radh gur h-urrainn duinn a seachnadh, agus seachnaidh sinn ì; cha till an gille dhachaidh as a h-aonais ma tha i fhein toileach.” “Thà,” ars an nighean, “’s cha’n eagal nach seaahainn sibh mi.” Mar is mò a dhiùltadh a h-athair, is ann is mò a rachadh a màthair an rathad eile: an dà bhoirionnach gu dearbh a’ seasamh an aghaidh fhir-an-tighe “mar chlacha dubha an aghaidh sruth,” gus mu dheireadh an do strìochd esan cuideachd. Cha b’fhada gus an deachaidh am pòsadh; agus an deaghaidh beagan làithean a chur seachad ann am Barrabaothan, dh’ fhalbh iad dhachaidh. Cha robh iad fad aig an tigh an uair a thuirt an duin’-òg gu’n rachadh iad a dh’fhaicinn ciamar a bha gnothuichean ag amharc mu’n aitreabh. Thug e an toiseach am bàthaiche air—a’ bhean-òg agus a mhàthair na chuideachd. “An dean sin feum, a mhic?” ars a mhàthair, ach thòisich esan air faotainn coire do gach nì—bha so cearr ’s cha robh sud ceart; thug e breab do ghogan a thachair air agus thilg e gu taobh eile an tighe e. “Ma tà,” ars a bhean-òg, “ar leam fhein gur h-ann a tha do mhàthair ri ’moladh air son do ghnothuichean a bhi ann an òrdugh cho math.” “Ni e feum an dràst,” ars esan, “ach dh’fhaodadh e ’bhi na b’fhearr.” An deaghaidh so chaidh iad do ’n stàbull, agus ma bha am bàthaiche dona, bha na seachd donais air an stàbull. “An dean sin feum, a mhic?” ars a mhàthair. “Cha dean, a bhean,” ars esan agus tòisichear air coire fhaotainn do ’n nì so ’s do ’n nì ud eile. “Ma tà,” thuirt a’ bhean-òg ’us i ’toirt fiar-shùil’ air a fear, “ar leam fhein gu ’m bheil gach ni ann an òrdugh ro-mhath.” “Ni e feum an dràst, ach dh’fhaodadh e ’bhi na b’fhearr,” ars esan. Là no dhà an deigh so chaidh a’ chàraid a mach a bhrodadh, agus mar a dh’ oibricheadh esan, neotharthaing mur gleidheadh ise suas a taobh fhein de’n imire. Air dhaibh a bhi ’dol ris gu math dian thuirt esan mu dheireadh, “Gabhaidh sinn anail a nis.” “Cha’n ’eil mi sgìth idir fhathast,” ars ise. “Cò dhiùbh a tha no nach ’eil, gabhaidh sinn anail,” ars esan. “Ud cha’n eagal duinn car tacain eile,” ars ise. “Tha mise ag radh riut suidhe,” ars esan, agus le so shuidh i. An uair a bha iad ùine bheag na ’n suidhe, “Eiridh sinn a nis,” ars esan, agus an greim bha iad le chéile rithist, agus chaidh an latha sin thairis mar sin. An uair a fhuair iad obair an Earraich seachad thuirt esan rithe gu’n rachadh iad a dh-fhaicinn a muinntir a nis. Dh’fhalbh iad; agus an uair a ràinig iad chaidh fàilte chridheil a chur orra le chéile. Chuir esan an latha thairis thall ’s a bhos le ’athair-céile, ’s bha ise a stigh le ’màthair. An uair a thàinig am feasgar thill na fir dh’ ionnsuidh an tighe, agus thuirt esan gu’n robh an t-àm dhaibh a bhi ’dol dachaidh. “Cha’n fhalbh i leat an diugh,” thuirt a mhàthair-chéile, “Nach fhalbh? Nach ’eil thu falbh leamsa dhachaidh,” ars esan ’s e’ tionndadh ris a mhnaoi-òig. Cha d’ thuirt ise diog. “Cha’n fhalbh i leat an diugh no ’màireach,” ars a mhàthair-chéile a ris, “an déigh an droch-càraimh a thug thu dhi, cha till i leat tuille. Gu dearbh bha thu caoimhneil rithe a’ dol an aghaidh gach ni ’theireadh i, agus ag cur a h-uile nì ’bha ceart, cearr. Faodaidh tu a bhi ’falbh ach cha’n fhalbh ise leat.” “Am bheil thu ’fhalbh leamsa dhachaidh?” thuirt esan a rìs. Cha do fhreagair smid. “Mur coisich thu leamsa dhachaidh ruithidh tu leat fhein ann,” ars esan ’s e dol a mach thun an doruis far an robh curag mhath sgolb, as an do thagh e aon cho dìreach réith ’s a chunnaic e. An so thill e stigh ’s ghabh e air a mhnaoi fhein leatha gu sgaiteach, dian, gus an d’ thug i an dorus oirre. Thionndaidh e an so agus thug e an t-ath lunndraigeach d’ a mhàthair-chéile, agus an sin dh’fhalbh e dhachaidh. Bha fear Bharrabhaothain na ’shuidh aig an dorus mara b’ àbhaist. “Suidh a nìos, suidh a nìos,” thuirt a bhean, an uair a dh’ fhalbh an cliamhuinne. ’S e Ni Math a dh’ òrduich nach e sud seòrsa fir a th’ agam, suidh a nìos, cha robh riamh agam ort am meas a bu chùir.” Chaidh an duin’-òg dhachaidh, agus fhuair e a bhean air thoiseach air trang ag obair, agus an deaghaidh sin rinn an dà bhoirionnach sin—a’ mhàthair agus a h-ighean, mnathan nach robh na b’fhearr ri fhaotainn anns an sgireachd gu léir. MAC-OIDHCHE. Naidheachd. Bha ann an Normandy, ’s an Fhraing, cosnaiche bha air ur phosadh, duine calma sgairteil, agus bha e fein ’s a bhean, mar bu choir dhoibh a bhi, anabharrach caidreach. Thachair dhasan a bhi ’g obair ri latha uisge ’s gaillinn o mhoch gu anmoch, agus thainig e dhachaidh air a chlaidreadh gu goirt le h-obair a’s droch-shid. Bha ’bhean ’n a suidhe aig an teine. “An d’ thainig thu ’ghaoil?” ars ise, “nach e sin an latha! tha e air a bhi cho fliuch ’s nach b’ urrainn mise dol a dh’iarraidh uisge, agus leis a sin cha d’ fhuair mi do dhinneir a dheasachadh;. ach o’n tha thusa nis co fliuch ’s is urrainn duit a bhi, bhithinn a’d’ chomain n’an rachadh tu ’dh’iarraidh cuinneag uisge.” Thog e ’n da chuinneig, agus thug e’n tobar air; bha ’n tobar greis air astar, ach cha b’fhada gus an do thill e; chuir e aon do na cuinneagan air an ùrlar, agus thilg e na bha ’s a’ chuinneig eile air mullach cinn a mhnatha, agus a’ chuinneag eile air an doigh cheudna. “Sin, a ghraidh,” ars esan, “tha thusa nis co fliuch ’s is urrainn duit a bhi, agus tha mi ’n dochas nach misd’ thu dol a dh’iarraidh an uisge.” Tha deagh fhios againn nach ’eil a’ h-aon do na mnathan Gaidhealach a dheanadh a’ leithid; ach mar thuirt am Frangach, tha sinn “an dochas” nach misd’ iad an sgeul beag so a chluinntinn. Bha ’m Frangach bochd ’n a dhuine spurtail, tuigseach; cha b’ ionann agus ioma trusdar a bheireadh gleadhar an taobh an leth-chinn di—Cuairtear nan Gleann. Sean-Fhacail. Cho bochd ris an ròcas. Chaidh a chuis ’n a tàois. Cho dubh ris an oichdhe. Cul an leighis ris an leigh. Cho luath ris na gatha-dubha. Cho grad ri feodhrag chéitein. Facal a beul, is eun air sgiath. Cho tioram ris an t-sreathainn. Cho stallacach ri damh ’s a cheo. Cha sheas cairdeas air leth-chois. Cho bodhar ris a chloich mhuilinn. Cha toir beannachadh nach fhaigh air ais. Cha reic e a dhal-bhuntata air a tarsuinn. Coin a Bharrachalltuin is clann Iochdrachann. [TD 71] [Vol. 6. No. 9. p. 7] Aiseirigh Chriosd. B’i sin staid àrd luchd-riaghlaidh nan Iudhach, agus dheisciobul Chriosd, agus is ann mar sin a bha gach ni ann an Ierusalem am feadh ’s a bha Ceannard an slàinte ’na luidhe ann an sàmhchair na h-uaighe. ’S an àm sin cha b’ iad na saighdearan Romhanach amhàin a bha ’nam freiceadan air an uaigh; bha feachd nèimh fo ghluasad; dh’eideadh armailte nam fhlaitheas a dhìon a chuirp naomha. Bha gach uidheamachadh a nis air a dheanamh san dà shaoghal, agus gach ni deas air son an àm san robh gàirdein an Tighearna ri bhi air ’fhoillseachadh. Dà uair chaidh a’ ghrian fodha air an t-saoghal, agus bha gach ni fathast sàmhach aig an uaigh. Bhuadhaich am bàs air Mac Dhé. Gu ciùin, tosdach chaidh an ùine seachad. Bha na saighdearan gu furachair a’ faireadh; dheàlraich gathan na gealaiche mu mheadhon oidhche air an clogaidibh-cinn agus air an airm-chatha. Rinn naimhdean Chriosd uaill; bha gach ni mar a b’àill leo; thuit cridheachan a chairdean fo dhìobhail misnich agus fo bhròn; bha spiorada na glòire a’ feitheamh gu h-iomaguineach, a’ toirt fainear do na bha tachairt, agus a smuainteachadh le mòr-iongantas air doimhneachd dòighibh an Tighearna. Faidheòidh, dh’eirich reult na maidne san àird-an-ear, a’ toirt sanuis do’n t-saoghal gu’n robh ’n solus a’ dlùthachadh; bha fàire an treas là a’ bristeadh, ’nuair gu h-obann a chriothnaich an talamh, eadhon gu mheadhon; agus bha cumhachda nan nèamh air an gluasad; thàinig aingeal Dé a nuas; chlisg na saighdearan air an ais roimhe le uamhas; agus thuit iad sìos gu làr; “Bha ’ghnùis mar an dealanach, agus ’éideadh geal mar an sneachda;” charaich e air falbh an leachd o bheul na h-uaighe, agus shuidh e oirre. Ach cò esan a tha mar so a’ teachd a nìos o’n uaigh, le ’thrusgan daithte o leabaidh a’bhàis? Esan a ta glòrmhor ’na choslas, ag imeachd ann am mòrachd a neirt? ’Se do cheannard féin, O Shioin, a ta ann! A Chriosduidh, ’se do Thriath féin a th’ ann! “Shaltair e an t-amar-fiona ’na aonar; tha ’chulaidh daithte le fuil;” ach a nis, mar cheud-ghin á leaba na h-uaighe, tha e cur fàilte air maduinn ’aiseirigh féin. Tha e ’g éirigh ’na ghaisgeach buadhar o’n uaigh; tha e tilleadh air ais le beannachdaibh o shaoghal nan spiorad; tha e ’toirt saorsa do chloinn nan daoine. Cha d’ thug éirigh na gréine riamh là co glōrmhor a steach—b’e so là ait-shaorsaidh an domhain mhòir. Sheinn reulta na maidne le chéile; ’s rinn uile mhic Dhé iolach ghàirdeachais. Dh’amhairc Athair na tròcair a nuas o ’chathair-rìoghail; le mòr-thlachd chunnaic e a shaoghal féin air a thèarnadh; chunnaic e gu’n robh ’obair uile math. An sin rinn am fàsach gàirdeachas; bha aiteas air a’ chruthachadh gu léir ’na làthair, ’nuair a theirinn beannachdan an Ti a’s àirde mar dhrùchd nèimh, a dh’ ath-bheothachadh nam fineachan.—Leabhar nau Cnoc. A’ Faire gu Caomh air mo Cheann. EADAR-THEANGAICHT O’N BHEURLA LE GILLEASBUIG MACFAIDEIN. ’N uair bhios cagarsaich dhiomhair a’ snàmh air gach taobh, Agus guthan nach fhaod bhi ’n an tosd, O’n tìr so ’g am ghairm air sligh’ uile chlann-daoin’, Thair a’ chuain th’ aig gach aon ri dhol trasd; Le ùr-fhradharc ’n uair chì mi tigh-comhnuidh nan naomh, Taobh thall gach saoth’r ’us trioblaid a th’ ann, Aig geata sgiamhach na cùirt’ am bi ann a h-aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Tha sluagh beag ann ’s an còmhnuidh an sùil air mo chéum, ’S a tha ’m feum air fear-dìon agus iùil, Tha maoth-thruaghain air faontraigh ag amharc am dhéigh, ’S nach bu deacair an deur chur o’n sùil; Ach a chlann faodaidh Iosa a ghairm leis gu caoin, ’N uair is àird’ bhios an doilghios no ’m fonn; Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin am bi aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Tha aonaraich aosd’ ann tha feitheamh nan tràth, Air na làraichean dh’ fhag an luchd-dàimh, ’S dh’ fhaodadh blàth-fhacal aig àm, no idir gniomh gràidh Gean agus àgh a rithist thoirt daibh; Ach an gart tha làn abuich tha’m buanaich ri thaobh, ’S tha là claidean an t-saothraich aig ceann, Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin am bi h-aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Tha caomh chàirdean ann dh’ fhaodteadh le m’ ghradh thoirt gu smuain, Tha fior-thruaghain ann ’g imeachd na sràid’, Tha ann coigrich gun ni agus aimbeartach thruagh, Agus deoraidh fo smuairein a ghnàth; ’Measg nam miltean ni còmhnuidh an Teampull nan naomh, ’S ioma h-aon nach do shaoileadh bhios ann; Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin am bi h-aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Faodaidh Criosda ’n a mhòr-ghràs mi do nèamh a thoirt suas Oir ’s e truaghain a shaoradh a mhiann, Ged nach gabh mi de ’n bhochd no de ’n dìlleachdan truas, ’S nach bi smuain orr’ am ùrnuigh ri Dia; Ach air nèamh nach toir m’ fhéinealachd bròn air mo smaoin, Mur h-e bròn ni nach fhaod a bhi ann, Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin mur bi aon ’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann? Coltach ri càis’ Uibhist—laidir ruighinn, cruaidh. Dean caora dhiot fhein, is ithidh na madaidh thu. Co ’sam bith a ’s coiriche, is mis’ an creunnaiche. Cha robh Inid riamh gun fhàs no a Chaisg gun Earradhubh. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 72] [Vol. 6. No. 9. p. 8] Oran Gaoil. Is tric mi gach la a cuimhneach’ do ghraidh, Car tamuile mar bhà do spéis dhomh, Gabh misneach ’s an uair ’s ann ort ’bhios mo luaidh, A chaoidh gus an gluais an t-eug mì. Caol mhala gun ghruaim, cha’n fhaigheadh tu’m fhuath, Do mhulad ’s do thruaighe ’léir mi, Do phearsa dheas ùr cha chuirinn air chùl, Ged thairgeadh mac diuc’ e féin dhomh. Cas ’dhireadh nan stùc’ ghunna le d’ nach diult, ’S le d’ mhial-chonaibh lùthmhor, eutrom; Bhiodh ùdlaich’ nan croc na laidhe fo leon, ’S bhiodh pudhar air eoin an t-sléibhe. Bhiodh coileach o’n bheinn air sgéith ann ad laimh Mu ’m biodh air fear eil’ a léine, ’S tu thaghainn dhomh fhìn, a shealgair na frith, ’S cha ’n fhaicinn thu ’chaoidh na t’ eiginn. Cùl buidh’ ort mar òr, blas meal’ air do phòig, Cha’n iarrainn bhith beo as t’eugmhais; ’S tu ceist nan ban ùr, nach caidleadh ’san smùr ’Sa mhaduinn ghil, chiuin, ’n am éirigh. Is gorm do dha shùil, is taitneach do ghnùis, ’S gur tlachdmhor air thus fir threun’ thu, Le d’ bhreacan deas ùr, ’s e paisgte mu d’ chùl; Cha ’n fhaca mo shuil riamh t’ eugas. ’S tu m’ eudail de ’n t-sluagh, ’s ann ort tha mo luaidh, Cha ’n fhaigheadh tu fuath gu brath bhuam; Cha laigheadh orm aois nam faighinn mo ghaol Gach latha ri m’ thaobh mar b’ àill leam, ’S tu m’ ulaidh ’s mo mhiann, m’ aighear ’s mo chiall; Beul meachair o ’m fiathail gàire, Cha ’n eil e fo ’n ghréin na thaghainn dhomh féin, Nam b’e ’s gu ’n do thréig thu ghràidh mi. Tha cuid ag ràdh gu ’n do rinneadh na rannan so do dh’ Uilleam Ros, le fear no te air choireigin an ainm Mhòir Rois, a leannan. Tha cuid eile ag radh gu ’n do rinneadh iad le nighinn fear Thir-na-Drìse do mhac fear Dhail-an-easa. Ge b’e co dha ’n do rinneadh iad cha ’n eil iad ro fhreagarrach do dh’ Uilleam Ros, no idir am beul Mòir Rois. GLEANN-A-BHAIRD. Gu ma Slan do ’n Oigfhear. LE NIALL MAC LEOID. AIR FONN,—“Bha mi ’n de ’m Beinn-Dorain.” Gu ma slàn do ’n òigfhear A sheòl an raoir bho ’n chala so; Gu ’n robh gach dùil ’g a threòrach’ ’S ’ga chòmhnadh mar ’bu mhath leam e; Cha chreidinn riamh bho chàch e Gu ’m faca mi ’s a’ bhàt’ e, Gu ’m fàgadh e gu bràth mi, ’S nach robh ach bàs a sgaradh sinn. ’N uair ’dh’ fhàg e air an tràigh mi Bha m’ inntinn làn ’s cha ’n annasach; An aon fhear ’thug mi gràdh dha, ’S a thug a làmh ’s a ghealladh dhomh, Air seòladh do na h-Innsean, ’S gun fhios gu bràth an till e; ’S bidh mise ’n so fodh mhì-ghean, Ag cuimhneachadh a charthannais. Marbh-phaisg air an t-saoghal, Gur caochlaideach an sealladh e! Cho làn a dh’ fhoill ’s a dh’ fhaoineis A bheir a thaobh a dh’ aindeoin sinn; Ma leagas sinn ar n-inntinn Air cuspair gaoil no dìleas, Faodaidh sinn ’bhi cinnteach Nach bi iad leinn ro mhaireannach. Sin mar ’dh’ éirich dhòmh-sa, ’S cha leigheis deoir mo ghalair dhomh, ’S mi ’n diugh ag caoidh an òigfhir ’Bu bhòidhche ’bh’ anns an fhearann so; Na ’m faighinn fhéin mo dhùrachd, Ged bhiodh mo chairdean diùmbach, Gu ’m b’e mo mhiann ’bhi dlùth dha, Ge b’ ann fodh smùid nam marannan. Gu ma h-olc do ’n bhàillidh A rinn mo ghràdh a sgaradh uam, ’S a dh’ fhuadaich thar an t-sàil e Gu ànrath agus allaban! ’N uair chi mi thall an fhàrdach ’S an deachaidh Ruaraidh àrach, ’S i ’n diugh gun cheòl, gun mhànran, Do ’m b’ àbhaist a bhi caithreamach. ’N uair ’chruinnicheas an còmhlan Di-dòmhnuich ’s ann ’bhios smalan orm, ’S a chi mi chathair bhrònach A bhios an còmhnuidh falamh dhomh, Cha ’n fhaic mi ’measg mo chàirdean A ghnuis ’bu chiùine deàrrsadh, ’S an t-sùil a bha cho blàth dhomh, ’S cha toireadh càch an aire dhuinn. ’N uair ’theid mi ’mach do ’n fhàsach A dh’ fhaicinn blàth nan gleannanan, ’S a chì mi far am b’ àbhaist Dhomh mànran le mo leannan ann, Cha ’n fhaic mi ròs no neòinean, ’S cha chluinn mi cuach no smeòrach Nach cuir na m’ chuimhn’ an còmhradh ’Bhiodh againn òg ’us amaideach. Ach gheall e dhomh ’bhi dìleas, ’S nach dìobradh e r’a mhaireann mi, ’S ma thèid a chliù r’a shìnnsir Cha chuir e lìn a mheallas mi. Ach ma ’s e ’s nach till e, Bidh mise truagh a chaoidh dheth, ’S bidh ’ìomhaigh beò na m’ inntinn Gu ’n sìnear anns an anart mi. Laoidh. ’S beannaicht’ an ceangal gràidh nach leig Dhuinn dealachadh o chéil; Ach ged is éiginn sgaradh ’n tràths’, Mealaidh sinn càirdeas Dhé. Cha dealaich sinn gu bràth ’n ar crìdh’, Oir ’s aon sinn ann an Crìosd; Le teas-ghràdh dèanamaid a thoil, Gu là a theachd a rìs. O b’ fheàrr gun stiùradh e ar céum Na shlighe fhéin ’s gach cas, Gun mhiann air ni sam bith fo ’n ghréin, Ach Crìosd is mèud a ghràis O gluaiseamaid na ’s dluith’ do Dhia, Is gheabh sinn sòlas uaith— Gach gràs tha feumail duinn a bhos; ’S an t-iomlan gheabh sinn shuas. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St Boston, Mass. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. [TD 73] [Vol. 6. No. 10. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 3 SEPTEMBER 1897, No. 10. Cumha Rao. Chaidh an t-oran so a dheanamh le bean bhochd ann an aon de na h-eileanaibh fiadhaich anns am bheil daoine ag itheadh feoil a cheile le mhor bhlas. A reir a’ chunntais a chaidh a thoirt, bha Rao agus a fear-posda ro chaomh mu cheile gu aon latha mi-shealbhar a dh’iarr i air am falt a bhearradh d’ a ceann. An uair a chunnaic e an craiceann cho geal, bhriagh thuirt e gu’m feumadh e a ceann fhaotainn ri itheadh gun dail, agus thoisich e ri teasachadh na h-àmhuinn, agus ri sgaoileadh dhuilleagan na craoibh pailm air a h-urlar. Thoisich Rao air deanamh a’ chumha so dhi fein; bha fios aice nach robh dol as ann di; agus bha a piuthar-cheile a’ gul ri ’taobh, oir bha an tinneas partanach (cancer) oirre, ’s bha Rao ro ghrinn rithe. An uair a bha an àmhuinn teth, mharbh a’ bhrùid an-iochdmhor a bhean bhochd, agus ròsd e a ceann, a riarachadh anamiann graineil. Chuir e an corr d’ a feoil am falach fo chraoibh. An uair a bha e an sin leis thainig da bhrathair Rao ’g a faicinn; dh’innis a piuthar-cheile an sgeul bochd dhoibh, agus chaidh iad air tòir na beiste. Bha e a’ cur falach craoileig lan de fheoil a’ bhoireannaich bhochd; leum iad air gu grad, agus mharbh iad e, agus ròsd iad a cheann-san anns a’ cheart àmhuinn ’s an d’ uallaich esan ceann Rao. Is fheudar dhomh ainmeachadh gur ann ’s na h-eileanaibh a tha ’s a’ Mhuir Phacific a thachair so, gun fhios nach abair am fear-eachdraidh a thig an deigh an fhir a mhuinntir New Zealand air an robh Macaulaidh a’ sgriobhadh, gur ann aig bun Beinn Nibheis a chaidh Rao itheadh, ’s gur ann an Gaidhlig a rinn i an cumha bronach, bochd so, ma thachras seann aireamh d’ an phaipear air anns am faic e CUMHA RAO AIR A SON FEIN. Mo thruaigh, cia minic a bha againn comhradh diomhair! Guil, guilibh air mo shon! Slan leibh, tha sin a’ dealachadh gu siorruidh, O guilibh air mo shon! ’S tric bha againn comhradh diomhair leinn fein— O nach gabh thu truas diom? Tha mo thìm air fas gearr, ’S dluth an oidhche bhuan domh—, O guilibh air mo shon, ’S sinn a’ dealachadh gu siorruidh! Guil, guilibh air me shon! Ho rinn an o—ho ro io ro! O guilibh air mo shon, ’S mo ghrian ’dol sios air cul nam beanntan, O nach gabh thu truas diom? ’S mi ’faicinn ann an sud an amhuinn, A’s esan a’ gearradh a’ chonnaidh A ròsdadh mo chuirp bhochd gu biadh dha. O guilibh air mo shon. A ’s sinn a’ dealachadh gu siorruidh! O guilibh air mo shon! Bu shona sinn aon uair comhla Ann an conaltradh grinn a’ ghraidh, ’S sinn gun dealachadh, gun dòlas,— Mise, run m’ athar Rongovi; A’s thusa, chliamhainn chiatach, Tri miosan na gorta mire, Bha ’g a cuidheachadh gu gniomhach. O guilibh air mo shon, A ’s sinn a’ dealachadh gu siorruidh! O guilibh air mo shon, A’s mi mar iasg air a tharruing A doimhne na fairge oillteil, ’G a thionndadh thairis a’s thairis Air grìosach na h-amhuinn teinntich Mo cheile, tha thusa cho sgiamhach Ri eideadh de chraobh a’ mheas-arain, ’N uair a ghealaichteadh ri grian e. O guilibh air mo shon, A’s sinn a’ dealachadh gu siorruidh! O guilibh air mo shon, Gabh thusa truas diom, O mo cheile; Tionndaidh o d’ smuaintean an iochdmhor ’S paisg a ris ri d’ bhroilleach fein mi, Guil, guilibh air mo shon! Ho rinn an o—ho ro eile. Tha an t-oran agam sgriobhte mar an ceudna anns a’ chànain anns an deachaidh a dheanamh, ach o nach leugh moran e cha chuir mi gu ’r n-ionnsaidh e. Mar a fhuair Domhnull Bean. Bha Gilleasbuig Aotrom, a bha anns an t-seann dùthaich, mar a tha fhios aig moran de luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ’na dhuine air leth deas-bhriathrach, agus gle thric cha b’e chuid a b’fhearr de’n chainnt a bhiodh aige. Air eagal a dhiumb a chosnadh, bha gach neach air son an taobh a b’fhearr dheth a chumail. Bha coimhearsnach aig uair a ghabh mor mheas air caileig òig, bhòidhich a bha còmhnuidh dlùth do’n àite ’san robh e a’ fuireach. Am measg gach còmhradh eile a bh’eatorra, bhruidhinn e rithe air son i ’ga phòsadh, ach cha ghabhadh i e,—oir mar a bha iomadh té roimpe agus ’na deigh, bha duil aice ri fear a b’fhearr. Co-dhiubh gheibheadh gus nach fhaigheadh i sin mar a bha i, thachair mi-fhortan dhi a lughdaich a miadh gu mor. B’e sin gu’n do bhuail gobhar a h-adharc oirre anns an t-sùil, ’ga leòn cho dona ’s gun do challl i gu buileach i. Bha fios aig Gilleasbuig còir air gach cùis dhe so. Ma bha gus nach robh aon eile ’ga h-iarraidh re àireamh de bhliadhnaichean, cha do phòs i. Ged a bha i air leth shùil bhiodh Domhnull riaraichte leis na bh’ ann dh’i, agus ’s e bh’ ann gu’n do chuir e e-fhein ’na tairgse a rithist, agus bha ise làn-thoileach a ghabhail air an turus so. Rinn iad banais mhor, aighearach, agus fhuair Gilleasbuig Aotrom cuireadh; agus tha mi a’ creidsinn gu robh fhios aige gle mhath gu’m b’e a shith a bha dhith orra agus nach b’e a chuideachd. Bha fear-na-bainnse a’ riarachadh drama uisge-bheatha, agus a’ tighinn gu Gilleasbuig, thuirt e ris, “So, òl deoch-slàinte bean agus fear na bainnse.” Rug Gilleasbuig air a’ ghloine, agus ag éiridh ’na sheasamh, thuirt e, “Tha mi ’g òl so air slàinte na gaibhre a choisinn a’ bhean mhath dhuit-sa agus a’ bhanais mhath dhomh fhin.” V. Am Britheamh ’s na Ministeirean. Tha e air innse gu’n d’thug breitheamh Gàidhealach an car gu dona aon uair a àireamh mhinisteirean. Bha iad air an t-slighe gu Dun-eideann, na ministeirean a’ dol dh’ ionnsaidh an ard-Sheanaidh. Air an rathad chual’ am breitheamh facal no dha a dh’ innis dha nach b’i bharail a b’fhearr a bh’aig cuid de na ministearan air, ach cha do ghabh e dad ais. Aig àit àraidh stad an carbad-iarruinn gus cothrom a thoirt do’n luchd-siubhail air biadh a ghabhail. Shuidh a’ chuideachd sios aig bòrd, agus o’n a be ’m breitheamh an duine bu shine ’n am measg, thugadh modh na h-aoise dha le chur a dheanamh an altachaidh. Dh’éirich am breitheamh ’na sheasamh, thoisich e air an altachadh ann an Gàilig, agus cha do sguir e gus an robh clag a charbaid-iaruinn ag innse gu feumadh iadsan a bha air son an turus a ghabhail a bhi dol air bòrd. Faodar mathanas a thoirt do na ministearan ma bha iad a chuid eile dhe’n t-slighe car gruamach ris a bhreitheamh a rinn an t-altachadh cho fada dhaibh ’s nach robh ùine aca air blasad air greim dinnearsach. Thainig Sir Wilfred Laurier, Priomhair Chanada, air ais á Breatunn deireadh na seachdain s’a chaidh. Chuireadh failte gle chridheil air ann an Cuibeic ’s ann Montreal leis an t-sluagh air fad. Fhuair e urram mor o luchd-riaghlaidh agus o urrachan-mora Bhreatunn fhad ’sa bha e thall, agus bha a luchd-dùthcha air san urram a chur ais mar an ceudna. [TD 74] [Vol. 6. No. 10. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. XII. An ceann latha no dha thainig soirbheas cho fabharach ’s a dh’ iarradh iad, agus mhair e fad nan seachd seachdainean a bha ’n long air a turus a dh’ ionnsuidh a’ bhaile-puirt anns an robh aca ris an luchd a chur am mach. An uair a rainig sinn an acarsaid ’s a leigeadh am mach an t-acaire, thainig moran de bhataichean lan sluaigh thun na cliathaich a chur failte ’s furainn air an cairdean, agus a nochdadh an aoibhneis a bh’ orra a chionn gu’n do thill iad dhachaidh gu sabhailte as an duthaich fad air falbh anns an robh iad air chuairt. Ach ’nam measg so bha oifigich o’n righ a thainig ’na ainm a chur failte air na marsantan a bh’ air bord. An uair a thainig na marsantan ’nan lathair, labhair fear de na oifigich riutha:—“Tha ordugh againne o’n righ a radh ribh gu’m bheil e anabarrach toilichte gu’n do thill sibh dhachaidh gu sabhailte, agus tha e ’guidhe oirbh gu’m bi sibh cho math ’s gu’n sgriobh gach fear dhibh beagan fhacal anns an leabhar so. Agus a chum gu’n tuig sibh c’ar son a tha ’n righ ag iarraidh oirbh so a dheanamh, feumaidh mi innseadh dhuibh, gu’n robh ard-chomhairleach na rioghachd ’na dhuine a bha araon ro ghlic, agus mar an ceudna ’na sgriobhaiche a bha gun choimeas anns an rioghachd gu leir. Dh’ eug e o chionn ghoirid, agus tha ’n righ ’g a chaoidh gu mor agus leis an tlachd a th’ aige dhe ’n sgriobhadh mhath a bha e ’dheanamh, bhoidich e nach deanadh e fear sam bith ’na ard-chomhairleach ach fear a sgriobhadh a cheart cho math ris. Ged a fhuaradh lamh-sgriobhadh mhorain anns an rioghachd, gidheadh cha d’ fhuaradh fhathast aon duine a dheanadh sgriobhadh cho math ris an ard-chomhairleach nach maireann.” Sgriobh na marsantan a bha ’smaointean gu’m b’ aithne dhaibh sgriobhadh math a dheanamh, beagan anns an leabhar. An uair a bha iad uile deas, chaidh mise far an robh an t-oifigeach, agus rug mi air an leabhar as a laimh. Ach ghlaodh an sluagh uile, gu h-araid na marsantan, ag radh, “Stracaidh e an leabhar, no tilgidh e anns a’ chuan e.” Ach an uair a chunnaic iad cho ordail ’s a rug mi air an leabhar agus air a’ pheann, agus mar a bha mi ’feuchainn ri nochdadh gu’n rachadh agam air sgriobhadh a dheanamh, dh’ fhan iad samhach agus ghabh iad ioghnadh mor. An deigh so gu leir o nach fhaca iad moncaidh riamh a dheanadh sgriobhadh, agus o nach b’ urrainn daibh a thuigsinn gu’n robh e ’n comas dhomsa a bhith ni bu ghlice na moncaidhean eile, thug iad ionnsuidh air an leabhar a thoirt as mo laimh. Ach cha leigeadh an sgiobair leotha. “Leigibh leis sgriobhadh,” ars an sgiobair. “Mur teid aige air sgriobhadh ceart a dheanamh, gabhaidh mise air anns a’ mhionaid. Ach ma ni e sgriobhadh math—agus tha amhrus laidir agam gu’n dean, oir cha ’n fhaca mi moncaidh riamh a leith cho tapaidh agus cho tuigseach ris—tha mi ag radh ribh gu ’n gabh mi ris mar gu’m b’e mo mhac fhein e. Bha mac agam nach robh a leith cho turail ’s cho tuigseach ris.” An uair a chunnaic mi nach robh neach sam bith a’ cur ’nam aghaidh, rug mi air a’ pheann, agus sgriobh mi na sia seorsachan a nh-sgriobhaidh a bha cleachdte am measg nan Arabianach, agus anns gach lamh-sgriobhaidh dhiubh so bha ceathramh orain a rinn mi anns an t-seasamh bonn a’ moladh an righ. Cha b’ e mhain gu’n robh mo sgriobhadh moran ni b’ fhearr na sgriobhadh nam marsantan, ach faodaidh mi a radh nach fhaca iad sgriobhadh riamh cho briagha ris. An uair a bha mi deas, thug na h-oifigich an leabhar leotha ’dh’ ionnsuidh an righ. An uair a sheall an righ air na sgriobhaidhean a bh’ anns an leabhar, cha do ghabh e suim sam bith de na sgriobh na marsantan. Ach thaitinn mo sgriobhadh-sa ris anabarrach math. Thionndaidh e ri fear de na h-oifigich a bha ’n lathair, agus thuirt e ris, “Thoir leat an t-each a’s fhearr a th’ agam anns an stabull, agus cuir air an acfhuinn a’s briagha a th’ agam, agus thoir leat an deise aodaich a’s riomhaiche a th’ agam, agus cuir mu’n duine sin i, a sgriobh na sia seorsachan lamh-sgriobhaidh, agus thoir leat an so e.” An uair a chuala na h-oifigich so cha b’ urrainn iad gun ghaire a dheanamh. Ghabh an righ fearg riutha a chionn gaire a dheanamh, agus bha e ’dol ’g an smachdachadh. Ach thuirt iad ris, “Le ’r cead, a righ, tha sinn gu h-umhail ag iarraidh mathanais oirbh; cha b’ e duine a rinn an sgriobhadh idir, ach moncaidh.” “Ciod e tha sibh ag radh?” ars an righ; “an e nach ann le lamh duine a rinneadh an sgriobhadh briagha so?” “Cha ’n ann gu dearbh,” arsa na h-oifigich “cho fior ’s a tha sinn beo, rinn moncaidh an sgriobhadh ’n ar lathair-ne.” An uair a chual’ an righ so, is ann bu mho a bha de thoil aige sealladh dhiom ’fhaicinn; agus air an aobhar sin thuirt e ris an oifigeach, “Deanaibh mar a dh’ aithn mi dhuibh agus gun dail sam bith thugaibh an so am moncaidh iongantach ud.” Chaidh na h-oifigich air ais a dh’ ionnsuidh na luinge, agus litir aca o ’n righ thun an sgiobair ag iarraidh air am moncaidh a chur g’ a ionnsuidh. An uair leugh an sgiobair i, thuirt e, “Feumar a bhith umhail do dh’ aithne an righ.” Chuireadh an t-aodach riomhach umam, agus thugadh gu tir mi. An sin chuireadh air muin an eich mi, agus dh’ fhalbh iad leam gu luchairt an righ, far an robh e fhein agus moran a dh’ uaislean ’s a mhaithean na rioghachd ’g am fheitheamh a chum an tuilleadh urraim a chur orm. An uair a dh’fhalbhadh leam o’n chladach, thoisich moran sluaigh ri cruinneachadh. Bha gach sraid is uinnneag a bh’ anns a’ chuid sinn de’n bhaile troimh ’n robh sinn a’ dol cho lan ’s a chumadh iad de dhaoine dhe gach seorsa, a chruinnich as gach earann de ’n bhaile gus m’ fhaicinn; oir sgaoil an t-iomradh air feadh a’ bhaile, gu’n robh an righ a’ dol a dheanamh ard-chomhairleach de mhoncaidh. Bha ioghnadh mor aig an t-sluagh dhiom, agus bha iad a’ sior ghlaodhaich as mo dheigh. Mu dheireadh rainig sinn luchairt an righ. Bha ’n righ, an uair a rainig sinn, ’na shuidhe air an righ-chathair, agus mor-uaislean na rioghachd mu ’n cuairt dha. Chrom mise mi-fhein tri uairean air a bheulaobh, agus an sin leig mi-fhein air mo ghluinean, agus phog mi an t-urlar mar chomharradh gu’n robh mi a’ toir umhlachd is urram dha. Na dheigh sin shuidh mi air an urlar mar is gnath leis na moncaidhean suidhe. Ghabh a’ mhor-chuideachd a bha ’n lathair ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic iad mar a rinn mi, agus cha b’ urrainn iad a thuigsinn cia mar a b’ aithne dhomh urram dligheach a thoirt do’n righ. A dh’ aon fhacal, rinn mi mo dhleasdanas an lathair an righ cho modhail ’s cho iomchuidh ri duine beo, ach nach robh e ’nam chomas facal bruidhne a dheanamh. Ach cha ’n urrainn na moncaidhean bruidhinn, agus ged a bha mise an toiseach ’nam dhuine, cha robh mi comasach air facal a radh aon uair ’s gu’n d’ rinneadh moncaidh dhiom. Thug an righ ordugh do na h-uaislean a bhith falbh. Cha robh comhladh ris ach an t-ard-chaillteanach agus gille beag bha ’feitheamh do’n bhord. Thug e leis mi do’n t-seomar anns am biodh e ’gabhail a bhidh, agus an uair a chuireadh am biadh air a’ bhord, smeid e orm gu tighinn agus suidhe aig a’ bhord comhladh ris. Gus a leigeadh fhaicinn dha gu’n robh mi deas gus umhlachd a thoirt dha, phog mi an t-urlar, dh’ eirich mi ’nam sheasamh, agus shuidh mi aig a’ bhord. Ghabh mi na thainig rium de’n bhiadh gu modhail, measarra, mar is gnath le daoin’ uaisle ’dheanamh. Thug mi an aire ’na dheigh sin gun robh clar-sgriobhaidh anns an t-seomar, agus leig mi ris dhaibh gu’n robh toil agam beagan sgriobhaidh a dheanamh. An uair a thugadh do m’ ionnsuidh e, sgriobh mi beagan cheathrannan orain, anns an do chuir mi an ceill mo thaingealachd do’n righ air son cho caoimhneil ’s a bha e rium. An uair a leugh an righ an t-oran ghabh e ioghnadh anabarrach. Thugadh an sin dhomh lan glaine de’n deoch a b’ fhearr a bh’ an righ ag ol. An uair a dh’ol mi an deoch so sgriobh mi tuilleadh cheathrannan. Leugh an righ iad mar an ceudna, agus thuirt e, “Bhiodh duine sam bith a dheanadh a leithid so air a mheas ’na dhuine ro ard os cionn nan uile dhaoine.” Dh’ ordaich an righ am bord-tailisg a thoirt g’ a ionnsuidh, agus smeid e orm gu suidhe comhladh ris a chluich air. Chuir [TD 75] [Vol. 6. No. 10. p. 3] mi mo lamh air mo cheann, a ciallachadh gu’n robh mi deas gus umhlachd a thoirt dha. Bhuidhinn esan a’ cheud chluich, agus bhuidhinn mise an ath dha cluich. Thuig mi nach do chord so ris, agus a chum inntinn a chiuineachadh, rinn mi ceathrannan orain anns an d’ innis mi mu dha armailt chumhachdach a bha ’cath gu teith, teann fad an latha, ach a rinn sith feasgair, agus a chuir seachad na bha rompa dhe ’n oidhche gu caoimhneil, cairdeil maille ri ’cheile air an achadh. Bha h-uile rud a bh’ ann a’ cur a leithid a dh’ ioghnadh air an righ ’s gu’n do chuir e fios air a nighinn gu tighinn a steach do ’n t-seomar gus m’ fhaicinn. Cha bu luaithe ’thainig i steach na ghrad chuir i srol air a h-aghaidh, agus thuirt i ri ’h-athair, “Le’r cead, a righ, dhichuimhnich sibh sibh-fhein an diugh. Tha ioghnadh orm gu’n do chuir sibh fios orm gu tighinn an so an lathair dhaoine.” “Cia mar sin, a nighean!” ars an righ, “Cha’n ’eil fhios agad ciod a tha thu ag radh. Cha ’n ’eil neach an so ach an gille-buird, an caillteanach, agus ni-fhein, agus faodaidh sinn d’ aghaidh fhaicinn latha sam bith; c’ar son, a nis, a tha thu ’cur falach air d’ aghaidh, agus a tha thu diumbach dhiomsa air son fios a chur ort!” “Le’r cead, a righ,” ars ise, “bidh fios agaibh gun dail gu m bheil mise ceart. Cha ’n e moncaidh nadarra ’th’anns a’ mhoncaidh sin idir; is e ’th’ ann prionnsa og, mac righ mhoir. Chruth-atharraicheadh gu moncaidh e le draoidheachd. B’e am fathach mor mac nighean Eblis, a chuir anns a’ chruth sin e. Chuir am fathach so an toiseach gu bas a’ bhana-phrionnsa og, mhaiseach, nighean righ Epitimarus, agus ’na dheigh sin chuir e am prionnsa so ann an riochd moncaidh. Ghabh an righ ioghnadh mor an uair a chuala e so, agus thionndaidh e rium, agus dh’ fheoraich e dhiom an robh na dh’ innis a nighean dha mu m’ dheidhinn fior. O nach robh e ’n comas dhomh freagradh a thoirt air ann an cainnt, chuir mi mo lamh air mo cheann a’ ciallachadh gu’n robh na labhair i fior gu leor. (Ri leantuinn.) NA BEANNTAICHEAN GORMA. (An Gaidheal, 1877.) Chuireadh an sgeulachd a leanas thugainn leis an Olla Mac-Lachlainn ann am baile Dhuineidin. Bha i air a sgriobhadh sios á beul fear-aithris ann an Eilean Mhinlaidh dlù do Bharraidh, agus air a cur a dh’ ionnsuidh an olla leis an neach a sgriobh i. Is aobhar iongantais a faotainn ann an sud agus cha bheag a’ cheist co as a thainig i. Bha Albannach ’us Sasunnach agus Eirionnach ’n an companaich aig a’ chéile ’s an arm, agus ciod e a bha iad a’ smaoineachadh ach gu ’n teicheadh iad a’ cheud chothrom a gheibheadh iad. Fhuair iad sin agus ghabh iad e. Bha iad a’ coiseachd fad da latha tre choille mhòir, gun bhiadh gun deoch, agus gun aon tigh ’s an t-sealladh. A’ h-uile béul-oidhche dh’ fheumadh iad dìreadh suas ann an craoibh am fear, le eagal roimh na biasdan fiadhaich a bha ’s a’ choille, ach an dara maduinn ciod a chunnaic an t-Albannach ach caisteal mor fada air falbh, an uair a bha e ’am mullach na craoibhe aige fhéin. Thuirt e ris fhéin nach biodh aige ach am bàs le fuireach ’s a’ choille ’s gu ’n sgàth ri ’chosnadh ach frèumhan feòir ’s cha b’ fhada a chumadh sin beò e. A’ cheart cho luath ’s a thàinig e nios as a’ chraoibh leag e a chas a dh’ ionnsuidh a’ chaisteil, gun uibhir ’s innseadh dh’a chompanaich gu ’m fac e a leithid idir. Bha e gle choltach gu ’n d’ atharraich a’ ghort agus an éigin a dh’ fhuiling iad an nàdur cho mor ’s gu ’n robh an darna fear coma ciod e a dh’ éireadh do ’n fhear eile na ’m biodh e fhéin air a dhòigh. Bha e ’coiseachd fad an latha, ’s ged a bhà, bha e gle anmoch mu ’n d’ ràinig e ’n caisteal; ach gu dubh, dona, cha robh aig a’ chaisteal ach dorsan dùinte, gun smùid, gun deathaich. Cha robh ’an so gu ’bhi aige ach am bàs co-dhiùbh. Leig e a thaice ris a’ bhalla, ’s ciod e a chual e air a chùlthaobh gu h-àrd, ach uinneag ’g a fosgladh. Sheall e ’s bha ’m boirionnach bu bhriagha a chunnaic e riamh ann an sin. “O! ’s e am fortan a chuir ann thu,” ars’ esan. “’S eadh, ’ille mhaith,” ars’ ise, “ciod e a tha ’dhith ort, agus ciod e ’chuir an so thu?” “Chuir an éigin,” ars’ esan, “tha mi gu bàsachadh a chion bidh ’us deoch.” “Teann a stigh,” ars’ ise, “tha gu leoir de bhiadh ’s de dheoch ’an so.” Chaidh e stigh far an robh i agus dh’ fhosgail i seòmar mor dha; agus ’s ann an sin a bha ’n sealladh air mac an duine ’n a chadal! Chuir i biadh air a bheulthaobh ’s an déigh sin sheòl i do’n t-seomar ’s an robh càch e. Leig e e-féin ’n a shineadh air leabaidh, agus thuit e ’na chadal. Ach feumaidh sinn tilleadh a dh’ ionnsuidh na dithis a dh’ fhàg e ’n a dheigh ’s a’ choille. An uair a thàinig àm na h-oidhche agus nam biasdan orra, ciod a’ chraobh ’s an do dhirich an Sasunnach ach an té ’s an robh an t-Albannach an uair a fhuair e fradharc air a’ chaisteal; agus cho luath ’s a ghlas an làtha ’s a sheall an Sasunnach an ceithir àirdibh an athair, ciod e a chunnaic e ach an caisteal, ’s a mach a thug e gun smid a chantainn ris an Eirionnach; agus dh’ éirich dha direach mar a dh’ éirich do ’n Albannach. Bha ’n t-Eirionnach bochd an so ’n a ònrachd, gun fhios c’àite an deachaidh càch. Cha robh aige ach gu bochd truagh fuireach far an robh e. Ciod e a’ chraobh ’s an do dhirich e an uair a thainig an oidhche ach an té ’s an robh an Sasunnach an raoir. Cho luath ’s a thàinig an latha chunnaic e an caisteal, ’s a mach g’a ionnsuidh ghabh e, ’s an uair a rainig e e, cha ’n fhac e coltas teine no duine ’bhi ann. Ach cha b’ fhada gus an cual e ’bhi fosgladh na h-uinneig os a chionn. Sheall e suas agus faicear am boirionnach a bu bhriagha a chunnaic e riamh. Dh’ fhaighnich e dhith an tugadh i dha biadh no deoch. Thuirt i ris gu fialaidh, còir, gu’n tugadh, agus e theannadh a stigh. Dh’ fhalbh e stigh gle thoilichte, ’s chuir i biadh ’us deoch air a bheulthaobh nach fhac e riamh cho maith. Bha leabaidh ’s an rùm agus fàinneachan daoimein ’an crochadh ris gach lùib chùirteir. Chuir a h-uile ni a bha ’s an rùm gu ’leithid de smaointean e ’s gu ’n do dhi-chuimhnich e gu ’n robh an t-acras air. An uair a chunnaic ise nach robh e a’ gabhail a bhidh, dh’ fhaighneachd i dheth, ciod bu choireach. Thuirt e nach itheadh ’s nach òladh e gus am biodh fios aige co i, no co as a bha i, no ciod a chuir an sid i. “Innsidh mi sin duit: is nighean righ fo gheasaibh mi, agus gheall m’ athair ge b’e fear a bheireadh bho na geasaibh mi gu ’m bu leis an treas cuid d’a rioghachd air a bheò agus i uile air a mharbh, agus mise ri m’ phòsadh; agus ma chunnaic mi duine riamh air am bheil coltas, no ris an earbainn sin a dheanamh, is tusa an duine. Tha mi ann an so bho chionn shia bliadhna deug, agus cha d’ fhaighneachd fear a thainig a chòir a’ chaisteil co mi, ach thusa ’n ad ònrachd. Tha na ’n cadal ’s an t-seòmar mhor ud shios a h-uile neach a thainig a chomhead do ’n chaisteal so o’n a thainig mise ann.” “Innis dhomh,” ars esan, “ciod e na geasan a th’ ort, agus ciamar a gheibheadh tu saor uatha.” “Tha seòmar beag,” ars ise, “an sid, agus na ’m faighinn fear a dh’ fhanadh ann o dheich uairean gu meadhon-oidhche, tri oidhche an deigh a chéile, bhithinn saor bho na geasan.” “Is mise do ghille ma ta,” ars esan, “gabhaidh mi os laimh sin a dheanamh.” An uair a chual i so thug i nuas tombaca ’s piob h-uige; ach cha b’ fhada gus an cual e straighlich ’us tartraich a muigh aig an dorus, ag iarraidh fosglaidh air. “Cha ’n fhosgail,” ars esan. “Fosglaidh,” ars an fheadhainn a bha muigh. Cha robh tuilleadh air: sid a stigh an dorus mu ’cheann, ’s air a mhuin ghabh iad ’g a bhreabadh ’s a’ glùineachd air a chorp aige gus an do leum air a’ mheadhon-oidhche, ’s cho luath ’s a ghairm an coileach dh’ fhalbh iad. Cha robh airsan ach gu ’n robh e air eigin beò. Cho luath ’s a thainig an latha chaidh am boirionnach far an robh e, agus fhuair i e ’n a shlaod sinte air an ùrlar gun smid chainnte aige. Thug i mach botul as a pòcaid, ’s leig i air a shuathadh ris o cheann gu ’chasan, ’s bha e cho ùr-chréuchdach ’s a bha e riamh; ach leis mar a fhuair e a mharbhadh an raoir, cha robh e deònach fuireach oidhche tuille. Ach mhaidich i air gu ’m fuirgheadh e, ag radh nach biodh an ath oidhche cho searbh. Ghabh e comhairle, ’s dh’ fhuirich e. A cheart cho luath ’s a bha e ’teannadh (Air a leantuinn air taobh 78.) [TD 76] [Vol. 6. No. 10. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 3 SEPTEMBER, 1897. Cluich Victoria. ’Nuair a bha Victoria ’na h-ighinn bhig, chaidh i aon uair a chur seachad latha còmhla ri aon de na mnathan-uaisle a bha ’n dlùth chàirdeas dhi. Cha robh fhios aig a’ mhnaoi-uasail sin ciod a dheanadh i gus cridhealas a chumail ri ’bana-charaid òig, agus ’s ann a thuirt i rithe: “A Victoria, faodaidh tu gach ni a thogras tu fhéin a dheanamh an diugh. Iarr ni sam bith air an smaoinich thu, agus gheibh thu e ma ghabhas e idir deanamh.” Smaoinich a’ chaileag beagan ùine, agus an sin thuirt i, “’S minig a bu mhiann leam a bhi nighe uinneagan, agus ma ’se ur toil-se e, nighidh mi na h-uinneagan agaibh an diugh.” Cha deach a’ bhean-uasal an cois a facail; fhuaireadh uisge, bucaid, siabunn, agus breidean, agus chaidh ise a bha ’n ceann beagan bhliadhnaichean gu bhi ’na bàn-righ’nn air Breatunn, a dh’ obair, agus dh’ obraich i gu dichiollach gus ’n do chuir i crioch air na h-uinneagan uile. Nach minig a bhios a mhuinntir sin ris am bheil farmad againne a’ gabhail farmad ruinne! Dh’ fhaoite gu bheil sinne miannachadh shochairean agus shòlasan a bhiodh iad-san gle dheònach iomlaid ruinn air son nan sòlasan air ’n do chuir sinne deuchainn agus a bhitheamaid gle dheònach a thoirt seachad. Tha cogadh beag a’ dol air adhart anns na h-Innsean an ear a tha cur iomguin gu leòr air luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Tha treibh ris an canar na h-Afridich ann an cearn iomclach de ’n dùthaich ri ceannaire, agus tha iad ann an tómhas math a’ fhaotainn buaidh an saighdearan a chrùin. ’Se ’n ni a’s cunnartaiche a thaobh na cùise nach urrainnear a bhi cinnteach á dilseach moran de na nàisinnich, agus nach eil fhios nach deanadh a’ chuid mhor dhiubh ceannairc na’n saoileadh iad gu’m biodh cothrom sam bith aca air buaidh a chosnadh. Thatar a’ deanamh a mach gu ’n cùir Breatunn tuilleadh ainm d’an dùthaich an ùine ghoirid. A’ Choille. Mur cumar suas a choille cha bhi slàinte aig daoine. Is còir earann iomchuidh de gach dùthaich a bhi fo chraobhan ma thatar air son slàinte agus fallaineachd a bhi air am mealltuinn leis an t-sluagh. Esan a tha saoithreachadh os leith na coille tha e saoithreachadh air son math agus buannachd sluaigh na dùthcha. Faodaidh craobh a bhi anns an rathad, ach cha’n ’eil i gun fheum idir. Is e ’n diugh an t-àm air son obrachadh ma tha sinn air son a bhi air ar beannachadh an àite bhi air ar mallachadh le sluagh nan linntean ri teachd. An cinneach a tha deanamh dearmad air na coilltean, is cinneach e d’an dàn a dhol am mugha.—Hon. Elizur Wright. Thatar a’ faotainn barrachd fiosrachaidh mu Chlondike na bh’ aig daoine roimhe so, agus cha’n eil iadsan a tha toirt an fhiosrachaidh sin dhuinn aon-sgeulach mu’n chùis idir. Tha cuid ag radh gur aite anabarrach beairteach e agus àite ’sam bheil e soirbh beòlainte a dheanamh. Ach tha cuid eile ag innse nach eil e ro shoirbh a bhi suas ann idir, gur àit e anns am bheil aig daoine ri dhol troimh chruadalan uamhasach, agus nach eil ach àireamh bheag a’ deanamh beairteis ann. Tha àireamh mhor air an t-slighe g’a ionnsuidh an dràsda, mu shia mile air fad, agus tha cuid a’ cur air mhanadh dhaibh gu’ m bàsaich àireamh mhor dhiubh romh thoiseach an earraich. Tha an geamhradh a nise tòiseachadh agus mairidh e eadar seachd us ochd miosan. GUNNA MOR.—Chaidh an gunna-mor a’s motha th’ air an t-saoghal a ghlacadh leis na Breatunnaich anns na h-Innsean ’nuair a chaidh an dùthaich sin a chisneachadh. Rinneadh an gunnna anns a’ bhliadhna 1500 le ceann-feadhna d’am b’ainn Chuleby Koomy Khan. Tha ’n gunna sin an diugh air a chur air dòigh gu grinn na bhroinn, agus cathraichean us leapannan ann, agus tha e ’na chleachdadh aig na h-oifigich Bhreatunna bhi cadal ann. Chaidh Eirionnach a bha ’na oifigeach anns an arm Bhreatunnach a leònadh gu dona ann am blàr. Bha saighdear cumanta ’na shineadh faisg air agus e ’deanamh gearain uamhasach. Chuir an t-oifigeach suas leis fhad ’sa b’urrainn da, ach mu dheireadh thug e garbh achasan dha:—“Dùin do bheul,” ars esan, “am bheil thu ’n dùil nach deachaidh duin’ idir a mharbhadh ach thu fhéin?” Chosg baile Inbhirnis còrr us ochd ceud punnd Sasunnach, no mu cheithir mile dolair, a’ coimhead Iubili na Ban-righ’nn. Chaidh còrr us leth na suime sin a chur cruinn leis an t-sluagh. Tha Iain L. Sullivan a ’dol a dh’fheuchainn air an fhoghar so ri bhi air a thaghadh mar àrd-bhàillidh air Boston. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 77] [Vol. 6. No. 10. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha soitheach d’ am b’ ainm “Annie G.” ann am Port Hood deireadh na seachdain s’a chaidh, a’ gabhail luchd de logaichean a bha i dol a thoirt gu Boston. Tha Cruinneachadh Gàidhealach ri bhi ann am baile Halifax air an 30mh latha dhe ’n mhios so, aon de na lathaichean a bhios an t-exhibition anns a’ bhaile. Thatar an dùil gu ’m bi cruinneachadh math aca. Tha tuathanaich Mhanitoba a’ faotainn air adhart gu math leis a’ bhuain. ’S e ’n aon ni a bhios a’ cur dragh orra anns an dùthaich sin an àm na buana eagal gu ’n tig reothadh; ach air an fhoghar so cha d’ thainig reothadh idir. Chaidh duine chrochadh ann an Nelson, B. C., air a 25mh latha de dh’ Ogust air son mort. ’S e ’n t-ainm a thug e seachad Seumas Wood, ach bhatar cinnteach nach b’e sin ainm ceart. Bha e na dhuine a bha anabarrach brùideil. Tha ’n crithneachd a nise creic air dolair am buiseal, agus tha am flùr air éirigh ann am pris gu sia dolair, no còir, am barailte. Thig am biadh daor gle throm air an duine bhochd, ach ni na tuathanaich a tha ’togail a chrithneachd gle mhath air. Tha an t-Urr. Domhnull Domhnullach, ministeir Strath-Lathuirn, an drasda air chuairt ghoirid aig a sheann dachaidh ’s an Interbhal Mhor, faisg air Ceap Nòr. Tha sinn an dochas gu ’n tig a chuairt gu math ris, agus gu ’n till e gu obair le neart agus slàinte ùr. Cha dithis dhaoine a chur d’ an tigh-obrach a Digby, air an t-seachdain s’a chaidh, air son meirle. Ghoid iad suim airgeid á stor ceannaiche o chionn thri seachdainean air ais. Fhuair iad da bhliadhna an urra. Bha dithis eile air an cur an sàs comhla riutha, ach fhuair iad ma sgaoil. Ann an mèinn Montagu, N. S., o chionn da sheachdain air ais, le aon urchair, fhuaireadh fiach mile dolair de dh’ òr as na creagan. Ma leanas mèinnean-oir na dùthcha so fhéin air sior dhol na ’s fhearr cha ’n fhada bhios aobhar sam bith aig daoine bha ’ga fagail air son a dhol gu Clondike. Bha co-sheirm chiùil Albannach anns a’ bhaile oidhche Di-ciaduin, air a cumail le Piob-Mhàidsir Manson agus V. A. Mac Gillfhaollaìn. Bha an talla gu math làn, agus thaitinn an ceòl s’ an dannsa gu math ris gach aon a bha ’làthair. Tha iad an deigh cuairt a chur air an eilean, agus tha sinn toilichte chluinntinn gu robh soirbheachadh math leo anns gach àite ’n robh iad. Seachdain gus an Di-luain s’a chaidh, bha triùir dhaoine air an sguabadh le Eas Niagara. Bha iad ag iomradh bàta os a cheann, agus gu h-amaideach chaidh iad ro fhaisg air meadhon na h-aimhne agus rinn an sruth greim orra. ’Nuair a chunnacas iad mu dheireadh, bha iad ag iomradh cho cruaidh ’sa b’ urrainn daibh, a feuchainn ri faotainn gu tir, ach dh’ fhairtlich orra. Bu dhaoin’ òga mhuinntir nan Stàitean iad a bha an sud a’ cur seachad treis dha ’n t-samhradh. Fhuaireadh fear Silas Elsworth air a bhàthadh ri taobh te de na laimhrigean ann an Sidni Tuath ’sa mhaduinn Di-luain. Bhuineadh e do Newfoundland, agus bha e gabhail turuis air an t-soitheach “Olive.” Chaidh e chadal air bòrd an t-soithich an oidhche roimhe sin, agus e cho math ’sa b’ àbhaist da; cha ’n fhaca càch, ’s cha d’ fhairich iad, ni sam bith re na h-oidhche a chuir iomguin orra, agus cha robh fhios aca mar a dh’ éirich dha gus an d’ fhuair iad a chorp anns an uisge ri taobh an t-soithich air dhaibh éiridh ’sa mhaduinn. Cha ’n eil fhios cia mar a thachair an sgiorradh. Chaidh banc a robaigeadh ann an Elmsdale, an stàit Kansas, oidhche Di-luain. Chaidh tri ceud deug dolair airgeid a ghoid, agus fiach faisg air mile dolair de phaipearan a bha ’n gleidheadh ann. Chaidh gille beag, aois sheachd bliadhna, d’ am b’ ainm Uilleam Travis, a mharbhadh ann an Amherst, N. S., an la roimhe le tuiteam á craoibh. Bha e air direadh do ’n chraoibh an deigh porcupine. Ann an California air an fhoghar so tha ’m fiar a’ creic air sia dolair dheug an tunna, agus tha dùil ri e bhi cho àrd ri fichead dolair, an ùine ghoirid. ’S ann a tha e coltach gu bheil prisean gach seòrsa ag éirigh air a bhliadhna so. Chaidh còignear chloinne a bhàthadh an Toronto an la roimhe. Bha mu fhichead dhiubh ann am bàtà a’ dol gu eilean beag a bha mu cheud slat o thir. Leis a chluich a bh’ orra chuir iad am bàta thairis, ’s bha’n aireamh ud dhiubh air am bàthadh. Bha crithean-talmhainn mora ann an Iapan air a choigeamh latha de ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha iad air an leantuinn le tuiltean mora, agus chaidh còrr us da cheud duine a bhàthadh. Bha mile tigh air a chur fodha anns na tuiltean, agus rinneadh call mor. Air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaireas sgeul air ochdnar dhaoine bhi air an crochadh gun lagh anns na Stàitean. Bu dhaoine-dubha siathnar dhiubh. Tha ’n t-àm aig na Stàitean casg a chur air an obair sin, air neo caillidh an dùthaich a deagh ainm ’sa cliù gu buileach. Tha Seumas Mac Coinnich, a tha riaghladh na mor-roinne a’ cur os ceann gach obair a thatar a deanamh air na ròidean-mora ’s air na drochaidean, an dràsda ann an siorrachd Inbhirnis a’ cur air dòigh dhrochaidean a bha feumach air càradh. Tha e aig an àm so ann am Mabou. Bha moran dhiubhsan a chaidh a mach do Mhanitoba ’s do ’n Iar-Thuath o chionn ghoirid air am mealladh gu mòr. Cha d’ fhuair iad a dhol cho fada ’sa bha toil aca dhol, agus cha robh an obair idir cho pailt ’sa bha ’san ainm. Tha muinntir an rathad-iaruinn air an coireachadh gu mor air son mar a dhéilig ian ris na daoine. Bha Alasdair Bain, á Port Hawkesbury, anns a’ bhaile Di-màirt s’a chaidh, agus rinn e céilidh bheag air MAC-TALLA. Tha Mr. Bain ’na fhear-gnothuich aig an International Steamship Co., a tha cumail shoithichean-smùide a ruith eadar na mor-roinnean-iseal agus Boston ’s puirt eile anns na Stàitean. Tha àireamh mhor de mhuinntir an eilein so a’ falbh ’sa tighinn air na soithichean ud na h-uile bliadhna. Bha coinneamh mhor aig lighichean Breatunnach ann am Montreal air an t-seachdain so. Bha coinneamh aig luchd-eallaidh Breatunnach ann an Toronto o chionn beagan ùine air ais. Tha e car iongantach an da chuideachd a bhi cumail an coinneamhan ann an Canada air an aon bhliadhna, ach tha e soilleir ri fhaicinn gu bheil Canada na ’s motha ann an sùilean muinntir na seann dùthcha na bha i riamh roimhe. Thatar a’ faotainn an òir ann an caochladh àiteachean air feadh Cheap Breatunn, ma tha gach sgeul fior. Tha fhios againn uile gu robhas ’ga fhaotainn ann an Cheticamp, agus air an Amhuinn Mheadhonaich; ach thatar ag radh a nise gu bheileas ’ga fhaotainn ann am moran àiteachan eile. Ann am Middle Cape, faisg air a’ Phòn Mhor, tha òr air fhaighinn, agus mar an ceudna anns a’ bheinn air cùl Hogamah, agus theagamh ann an àiteachan mu nach cuala sinn fhathast. Tha sinn an dòchas gu bheil gach sgeul dhiubh so fior, agus gu faighear an t-òr gu pailt anns gach àite dhiubh. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .35 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 78] [Vol. 6. No. 10. p. 6] (Air a leantuinn o thaobh 75.) air a’ mheadhon-oidhche chual e iad ag ’eigheach fosgladh, agus bha triùir ann mu choinneamh an aon fhir a bh’ ann an raoir. Cha d’ thug e aon fheairt orra gus a dhol a mach far an robh iad, no gus an dorus fhosgladh. Ach cha b’ fhad a bha iadsan gun an dorus a bhriseadh agus gabhail a stigh m’a cheann. Rug iad air, ’s bha iad ’g a thilgeadh eatorra gu mullach an ruim, agus a’ gearradh leum air a mhuin gus an do ghairm an coileach, agus an sin dh’ fhalbh iad. An uair a thàinig an latha ghabh ise do ’n rùm a choimhead an robh e beò. Thug i mach am botul as a pòcaid agus chuir i ri ’chuinn-leanaibh e, agus thainig e h-uige fhein. ’S e a’ cheud fhacal a thubhairt e gur h-e a bha gòrach ’g a mharbhadh fhein air son gin a chunnaic e riamh. Thog e an so air gu falbh agus gun fhuireach na b’ fhaide. An uair a chunnaic ise gu ’n robh e air bheachd falbh, ghuidh i air fuireach, a’ cur an cuimhne dha na ’m fanadh e aon oidhche eile gu ’m biodh ise saor bho na geasan agus, “A leòra,” ars ise, “ma bhitheas aon iteag beò de d’ chridhe, ’n uair a thig an latha, bheir an stuth a tha anns a’ bhotul ort gu ’m bi thu cho ùr-chreuchdach agus a bha thu riamh.” Leis a h-uile rud a bh’ ann ghabh e an urrainn ri fuireach, agus bha triùir a’ gabhail da a nochd mu choinneamh an aon fhir a bha ann an da oidhche eile. Bha e gle mhi-choltach gu ’m b’ urrainn da a bhi beo an deigh na fhuair e. An uair a thainig an latha agus a chaidh ise a choimhead am bu bheò e, fhuair i e sinte air a’ chlàiridh mar gu ’m bitheadh e marbh. Dh’ fheuch i an robh an anail ann agus cha b’ urrainn di a dheanamh a mach. Chuir i an so a lamh air a dhuilleig, agus fhuair i gluasad fann aice. Leig i an sin air dòrtadh an stuth a bha ’s a’ bhotul air, agus cha b’ fhada gus an d’ éirich e ’na sheasamh, ’s a bha e cho maith ’s a bha e riamh. Bha ’n so an gnothuch deas: bha nighean an righ saor bho na geasan! Thuirt i an so ris san, gu ’m feumadh ise falbh, agus gu ’n tigeadh i g’a iarraidh le carbad cheithir eacha glasa an ceann beagan làithean. Thubhairt e rithe i ghrad-fhuireach ’na tosd; gun a bhi bruidhinn ris-san air an dòigh ud. “Tha daor an éirig agam ort o chionn tri oidhche ma dh’ fheumas mi nis a bhi ’dealachadh riut;” ach sùil dh’ an d’ thug e cha robh i ann idir! Cha robh fios aige ciod a dheanadh e ris fhéin an uair a chunnaic e nach robh sgeul oirre; ach mu’n d’fhalbh i thug i dha slatag bheag, gus an uair a thogradh e fhéin na daoine a bha ’n an cadal bho chionn shè bliadhna deug a dhùsgadh leatha. “Sin slat agad,” ars ise, “agus cha’n ’eil agad ach a bualadh orra agus dùisgidh iad; tha iad ’n an cadal ’s an t-seomar mhòr ud shìos o chionn a leithid so de dh-ùine.” An uair a bha e mar so air fhagail ’n a ònrachd dh’fhalbh e stigh ’s leig e e-fhein ’n a shìneadh air trì cathraichean a bha ’s an rùm, agus ciod a chunnaic e ’nochdadh a stigh an dorus, ach gille beag bàn. “Co as a thàinig thu, a laochain?” ars’ esan. “Thàinig mi” ars an gille, “gus a bhi ’bruich ur bìdh fhéin.” “Co a dh’iarr sin ort?” “Dh’iarr mo bhan-mhaighistir, nighean righ, a bha fo gheasan, agus a tha nise saor.” Dh’aithnich e ’an so gu’n do chuir i an gille gu frithealadh dha. Thubhairt an gille ris gu’n d’iarr a bhan-mhaighistir air a bhi deas am maìreach mu naoi uairean agus gu’n robh ise gu tighinn g’ a iarraidh le carbad mar a gheall i. ’S e fhéin a bha toilichte an uair a chual e so. Ghabh e mach do’n ghàradh an uair a bha’n uair a’ teannadh air; ach ciod a rinn an gille ’beag bàn ach dealg mhór a thoirt á ’phòcaid fhéin, agus sàthar ’an cùl a chòta gun fhios dha, agus grad-thuitear e ’n a chadal. Cha b’fhada gus an d’thainig ise le carbad cheithir each. Dh’fhaighneachd i de’n ghille an robh a mhaighistir ’n a dhùsgadh. Thubhairt esan nach robh. “Is bochd a dh’éirich,” ars ise, “tra nach foghnadh an oidhche leis gu cadal. Abair ris mur coinnich e mise mu’n àm so a màireach nach ’eil e glé choltach gu’m faic e mi r’a bheò.” Cheart cho luath ’s a dh’fhalbh i thug an gille bàn an dealg á còta a mhaigistir agus dhùisg e ’s a’ mhionaid. ’S e a cheud fhocal a thuirt e ris a’ ghille bhàn, “Am faca tu i?” “Chunnaic, agus dh’iarr i orm a ràdh riut mur coinnicheadh tu i mu naoi uairean a màireach, nach faiceadh tu gu bràth i. Bha esan fuathasath duilich an uair a chual e so. Cha robh e ’tuigsinn ciod bu choireach gu’n robh an cadal a’ tighinn air aig an àm a bha ise a’ tighinn. Chuir e roimhe gu’n rachadh e chadal tràth a nochd gus éirigh moch a màireach; agus rinn e sin éirigh glé mhoch. An uair a bha e ’teannadh air na naoi uairean ghabh e mach do’n ghàradh ’g a feitheamh gus an tigeadh i, agus bha’n gille bàn còmhla ris; ach a cheart cho luath ’s a fhuair an gille cothrom, thug e’n dealg a mach as a phòcaid agus stobar e ann an còta a mhaigistir i, agus grad-thuitear esan ’n a chadal mar a b’àbhaist da. An uair a bha e dìreach naoi uairean thàinig ise le carbad cheithir each, agus dh’fhaighneachd i de’n ghille bhàn an robh a mhaighistir air a chois an diugh. Thubhairt an gille nach robh, gu’n robh e ’n a chadal mar a bha e ’n dé. “Ud, ud!” ars ise, “’s bochd leam fhein a dh’éirich dha; nach fhoghnadh dha na rinn e chadal fad na h-oidhche ’n raoir? Abair ris nach fhaic e mise gu bràth tuille ann an so; agus so dhuit claidheamh a bheir thu dha’n am ainm-sa agus bheir thu mo bheannachd dha.” An uair a thubhairt i so dh’ fhalbh i. An uair a dh’fhalbh i thug an gille bàn an dealg á còta a mhaighstir, agus ghrad-éirich e. ’S e a chéud fhacal a thubhairt e, “Am fac thu i?” Thubhairt an gille gu’m fac, agus gu’n robh claidheamh ’an sid a dh’iarr i airsan a thoirt dha. Thòisich e an so air spìonadh an fhuilt as fhéin le mullach mulaid. Ach sùil dh’an d’thug e thar a ghualainn cha robh bad de’n ghille bhàn aige! Bha e’n so ’n a ònrachd, agus smaoinich e dol a stigh do’n rùm ’s an robh na daoine ’n an cadal; agus co ’am measg na h-uile a bha ann ach an dithis chompanach a bha aige fhein an uair a theich iad as an arm. Chuimhnich e’n so ciod a thubhairt nighean an righ ris—nach robh aige ach an t-slat a thug i dha a bhualadh orra agus gu’n éireadh iad uile as a’ chadal ’s an robh iad—cuid dhiubh ann bho chionn shè bliadhna déug; agus co air a bhuail e’n toiseach i ach air a dhà chompanach fhéin. Sin iadsan air am bonnaibh a cheart cho luath ’s a bhean an t-slat dhoibh, agus thug e dhoibh an ultach de dh-òr ’s de dh-airgiod, agus iad fhéin a thoirt as; ach ’s ann a bha’n obair aige mu’n do dhùisg e uile iad; bha dà dhorus a’ chaisteil cumhann dhoibh fad an latha! Bha call nighinn an rìgh a’ cogadh r’ a inntinn a latha ’s a dh-oidhche; agus smaoinich e gu’m falbhadh e air feadh an t-saoghail dh’fhiach am faigheadh e neach sam bith a bheireadh naigheachd dha oirre. Thug e leis an t-each a b’fhèaar a bha ’s an stàbull agus dh’fhalbh e. Thug e trì bliadhna air choiseachd tre fhàsaichean agus choilltichean agus cha d’fhuair e neach a thug dha naigheachd oirre. Thuit e mu dheireadh ann an eu-dochas cho mór agus gu’m feumadh e làmh a chur ’n a bheatha fhéin. Rug e air a’ chlaidheamh a thug ise do’n ghille bhàn gus a thoirt da, ’dol a ghearradh a sgòrnain fhein leis. An uair a spìon e as an truaill e, ciod a chunnaic e ach sgrìobhadh air an taobh aige. Sheall e air, agus ciod a bh’ann ach; “Gheibh thu mise anns na Beanntaichean Gorma.” Thug so maisneach dha, agus leig e dheth buil a thoirt as fhéin. Smaoinich e gabhail air aghart ’an dòchas gu’n tachradh neach ris a bheireadh dha naigheachd air c’àite an robh na Beanntaichean Gorma. An deaghaidh dha astar gun chiall a dheanamh, chunnaic e mu dheireadh solus fada uaithe, ’s rinn e dìreach air. An uair a rainig e an solus ciod a bh’ann ach bothan tighe. Cho luath ’s a dh’fhairich am fear a bha stigh tartraich chas thainig e mach, ’s co bha nìos g’a ionnsuidh ach marcaiche. Dh’fhaighneachd e dheth ciod a thug an sid e, agus c’àite a bha e ’dol. “Tha mise,” os esan “ann an so o chionn thrì chéud bliadhna, agus aon mhac duine cha’n fhaca mi ’s an ùine sin ach thusa ’ad ònrachd.” “Tha mise air falbh o choinn thrì bliadhna,” ars an t-Eirionnach, dh’fhiach am faigh mi neach sam bith a dh’innseas dhomh c’àite am bheil na Beanntaichean Gorma.” “Thig a stigh,” ars an seann duine, “agus cuiridh tu seachad an oidhche comhla rium fhein. Tha leabhar agam anns am bheil eachdraidh an t-saoghail, agus theid mi roimhe a nochd, agus ma tha a leithid de àite ’us na Beanntaichean Gorma ann, leóra, bithidh fios agam air.” (Ri leantuinn.) [TD 79] [Vol. 6. No. 10. p 7] Na Gaidheil ann an Canada. Tha iomadh fine ’tuineachadh anns an duthaich mhor bheartach anns am bheil sinn uile ’gabhail comhnuidh. Tha Innseanaich, ’us Sasunnaich, ’us Eirionnaich, ’us Frangaich, ’us Gearmailtich, ’us Albannaich, ’us Eadailtich, agus feadhainn eile ’cosnadh an teachd-an-tir agus a’ sealbhachadh na saorsa ’s nam buaidhean lionmhor a bhuineas do Chanada ann an tomhas gasda, measail, morail. O cheann iomadh latha ’s bliadhna rinn na Gaidheil obair chruaidh, ghoirt, mhaith anns gach cearna de Chanada. Anns na roinnean a tha shios ri taobh na fairge luasganaich, an Cuibeic, ann an Ontrio, anns na comhnardan ’us anns na h-achaidhean arda, ’s am measg nan cnoc feurach, farsuing a tha ann an iar-thuath ar dùthcha thorraich, àluinn, is iad na Gaidheil a rinn na gniomharan a’s modha ’s a nochd neart, ’us tapachd, ’us dealas, nach do nochd fine air bith eile ann an gearradh sios nan craobh ’us nam frith aosmhor, tiugh, mora. Cha ’n eil ach eolas bochd aig an linn a tha nis a lathair air gach amhghar, ’us cruadail, ’us gaisge, ’us aghartachd, ’us treoir, a chleachd na Gaidheil bho cheann ginealaich no dha ann an glanadh an fhearainn, ’us ann an uidheamachadh ionaid-comhnuidh doibh fein ’us d’ an teaghlaichean, far am bitheadh iad sona, saor gun eagal, gun sgath no geilt am measg pailteis, ’us slainte, ’us soirbheachaidh. Is ann le cridhe tuirseach, airsneulach, a dh’ fhag iomadh Gaidheal tir nan gleann ’s nam beann, ’us a dh’ fhag e beannachd gu brath leis a’ ghleann no leis an t-slios no ’n learga anns an d’ rugadh e, ’s anns an do chaith a shinnsirean an laithean. Is ann le faireachduinnean tiamhaidh, muladach, a ghabh iomadh Gaidheal a rinn ainm maith agus a fhuair fardach ’us maoin ann an Canada, an cuain beucach fodha, ’s a thionndaidh e gu brath a chulthaobh ri fraoch ’us barrach, ri cnoic us raoin na tire anns an d’ rugadh e. “Tha siùil ri croinn ’g an sgaoileadh shuas ’Us gaoth nam beann ag iarraidh chuain, Tamh nis faid’ cha ’n fheudar leinn Ach iarramaid gun dail na tuinn. Slan le Albuinn ghleann ’us chnoc, Oir ’s eigin dhomhsa triall an nochd, Gun duil am feasd ri cois air d’ fheur, Mochreach! mo chradh! ’s e fath mo dheur.” Is ann le toileachas mor agus le aignean proiseil a ghabhas sinn beachd gach àm air an inbhe urramach a choisinn na Gaidheil doibh fein ann an Canada. Anns gach innleachd us treubhantas, anns gach stri us dealas, ann an riaghladh na dùthcha, ann am fosgladh suas gach ionmhais, ’s ann an deanadh laghannan iomchuidh, direach, ann an gliocas us dùrachd us onoir a nochdadh agus a chumail suas—tha Gaidheil a’ mealltuinn cliu aillidh ’us ughdarras nach eil gann no suarach. An Ridir Iain Mac Dhomhnuill, Alasdair Mac Coinnich, iomadh Mac Illeathain, ’us Camaronach, us iomadh Gaidheal eile rinn seirbhis chudthromach ’s a bha glic, ealanta, mor-inntinneach ann am parlamaid ar dùthcha; choisinn iad uile le ’m beusan ’us an euchdan ainm maith doibh fein, agus meas us miadh do na Gaidheil gu leir. Thig e do gach neach a bhi daonnan ag altrum speis do na daoine bho ’n d’ thainig e: do ’n dùthaich anns an d’ rugadh iad, agus do na chanain a labhair iad gu pongail, fileanta, agus do na h-abhaistean a bha taitneach leo. Tha ’n t-Innseanach bochd airidh air moladh sonruichte, am feadh tha e ’g iarraidh leis na buaidhean us leis an tapaidh a tha aige, urram a chur air an fhine d’ am buin e, ’s dearbhadh laidir follaiseach a thoirt seachad gu bheil na h-Innseanaich comasach air beusan cliuiteach fhadadh suas, agus gur e run suidhichte chridhe fein leis gach dichioll us oidheirp us deadh-chomhluadar, a bhi ’cosnadh agus a trusadh cairdeis, us speis, us muirn maiseach, measail da fein agus gu sonruichte do na h-Innseanaich ris am bheil daimh laidir sheasmhach aige, oir is e an aon fhuil a tha ruith anns na cuislean aca agus a tha ’blathachadh an cridheachan. Ma tha air uachdar an t-saoghail fine no daoine aig am bheil aobhar treun, meamnach a bhi dileas d’ an canain us d’ an eachdraidh us a bhi proiseil do bhrigh gu buin iad do dhuthaich us do fine ’bha daonnan gaisgeil, onarach, seasmhach, mearganta, is ann da rireadh do Ghaidheil Chanada ’bhuineas an inbhe urramach, snasmhor, so. Is iomadh latha bho ’n labhair an sar-Ghaidheal eireachdail, uasal, Tormaid Mac Leoid, fior charaid nan Gaidheal anns an doigh so mu dheibhinn an dochais a bha aige gu bitheadh Gaidheil Chanada dileas doibh fein agus do chanan us abhaistean an duthcha. Ann an comhradh do Leabhar nan Cnoc, tha ’n t-ollamh eudmhor, dileas, dealasach ag radh, “Na creidibh iadsan a tha ’g radh gu bheil a Ghailig air leabaidh a bais! tha i co slan laidir, urail, agus a cuisle co fallain, ’s a bha i riamh; agus ged a thachradh e gu biodh i air a fogradh á h-Albainn a maireach, tha farsuingeachd agus fasgadh a’ feitheamh oirre taobh thall do ’n chuan mhor, far am bheil cheana na miltean d’a muirichinn fein a dh’ fhailticheadh agus a dh’ altrumaicheadh i le solas.” Am bheil Gaidheil Chanada an diugh co dileas agus co fiughanta ’s a bu choir daibh a bhi ann an cumail suas an canain agus a dearbhadh le ’n durachd ’us le ’m fiughantachd gu bheil iad toileach agus easgaidh a bhi toirt caoimhneis agus comhnaidh do MHAC-TALLA ’s dhoibhsan a tha ’deanamh an ulaidh-mhaitheis ann a bhi deasachadh re gach seachduin, paipeir a tha ’g innsidh ann an Gàilig ghrinn, laghach, ghlan, iomadh ni choir toileachadh ’us prois, ’us eud a thoirt do gach Gaidheal a tha ’n diugh an Canada. Anns an t-seachduinn a leanas, their mi moran tuilleadh mu dheibhinn nan Gaidheil ann an Canada. CONA. An do phàigh thu MAC-TALLA. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 80] [Vol. 6. No. 10. p. 8] Na Sruthain. “Eighidh na broin bheaga, tha na mor bhroin balbh.” A shruthain, a shruthain an aonaich, Ag greasad fo aomadh nam fras; A’ froiseadh feadh phronnlach an aodainn ’S a’ taomadh na d’ chaol-shruthain ghlas; Mar ’s taine bho d’ iochdar gu d’ uachdar, Mar sin ’s ann is fuaimear do ghuth; ’S ’n uair nach tog am mor shruthan luath-ghair, Cuiridh ’n fhaoin-fhras ard ghleadhraich na d’ shruth. Nach minig a chi sinn mu ’n cuairt duinn; Cuid tha gluasad mar chàch anns gach ni, Gus ’n tachair do thrioblaid am bualadh; ’S an sin chithear buaidhean an cridh’, O, togaidh iad àrd an guth fuaimneach, Bithidh caoidhrean na truaigh’ ac’ nach faoin, An duil gu ’n gabh daoine mòr-thruas diubh— Cha d’ ionnsuich iad falamhachd dhaoin’. Ach ’alltain, O, ’alltain nan lòintean, Cha chualas riamh mòr fhuaim bho d’ ghuth; ’S ge domhain, ’s ge dorch thu ’s a’ chòmhnard Seasaidh caol-luibhean uaine na d’ shruth: ’S ged sguabas mu ’n cuairt ort na frasan; ’S beag dh’ aithnichear ortsa de ’m buaidh, Ach thu gluasad beagan na’s braise, ’S a’ plosgail na ’s truime ri d’ bhruaich. Nis, thusa tha duineil ’n uair chuireas Mor thrioblaid no deuchainn ort gruaim, Cha chluinnear le moran do thuireadh; Ach mùchar an searbhadas cruaidh; Oir mulad beag falamh a’ ghearain, Is gearr gus an gabh e air falbh: ’S e fior bhròn, bròn ’s trice ’tha maireann ’S mar shruthan an lòin tha e balbh. MAC-OIDHCHE. Laoidh no Marbhrann. A bhi ’g earbs’ ann an duine, sin a bhunaid tha truagh, ’S ann mar sin dhearbh iad duinne ’nuair bha trioblaid ma cuairt, Tha ’n t-eug le gath guinneach tabhairt a bhuillean cho cruaidh Ge b’e taobh bheirinn m’ aghaidh cha ’n fhaighinn ach fuachd. Fhuair mi cupan na h-àmhghar, uisge Mhàrah ri òl, Gur deoch i tha duilich d o dh’ fhuil is do fheòil; ’S ged nach urrainn mi iomradh thoirt air iomlan ri m’ bheò ’S ann am buideal na flaitheas a thaisgair mo dheòir. Tha òrdeannan seasmhach aig freasdalan Dhé, Ged leughas mi duilleag tha tuiileadh na deigh; Na measamaid cruaidh e thoirt bhuain a chuid féin, Tha còir aig a bhuachaill air uain is a threud. Tha ar làithean mar dheatach nach faicear ach gearr, No mar na maoth lusan a thuiteas gu lar; Bha taitneas na beatha fa leth annta fàs Dh’ aon bheum chaidh an gearradh cha deach an sgaradh ’nam bàs. Tha na pailliunean beaga air an leagail nis sios, Gur e teampull a chuirp e dhol na duslach a ris, Chaidh an trioblaidean thairis ’s cha ’n fhairich iad sgios Air an lionadh le aoibhneas ann a toilltanas Chriosd. Ach co dh’ ionnsuidh an teid mi le m’ chreuchdan ’s le ’m ’dheòir, ’S gun ioclaint’ ni feum dhomh aig creutair tha beò, Dh’ fhosgladh tobair ’n tigh Dhaibhidh, tha i saibhir gu leòir, Tha i ’n diugh ann am thairgse gun airgead ’s gun òr. Cha ’n eil dhol as anns a’ cath sin, cha ’n eil seachnadh bho ’n bhàs, Ged ’s math iocshlantean dhaoine gur faoin iad ’sa chàs, Bheir e ’n gaisgeach a’s tréine fo ghéill dha gun dàil Bhris a roth ’s soitheach-cumail, ’s chaidh a chunneag na clàir. Tha anail an duine ann a cuinnean a shròn, I cho diomhain ’s cho diumbuain ris na fionannan fheòir; Bidh Iudhaich is cinnich air a tionail fa-dheòidh Gu seasamh na crannchur ’s nach bhi aimsir ni ’s mo. ’Nuair a sheideas an trompaid ’sa dhùisgeas na mairbh, Gur son’ iad a mhuinntir rinn cinnteach an gairm, Thog an tigh air a charraig ’s nach caruich an stoirm ’Nuair bhios nèimh agus talamh ’dol thairis le toirm. ’N dream tha faicilleach, diaghaidh, chur an siol leis na deòir, Siol fallain na firinn ro-phriseil am pòr; Gheibh iad toradh an spioraid ra tionail a ghlòir: Ach gu siorruidh cha bhuainear ach truailleachd o’n fheòil. Sud am preas a tha Iasadh, cha chaith e gu bràth, Tha làithreachd an Tighearna na meadhon a tàmh; Ged a shéideas na gaothan cha ’n aom e gu làr, ’Sann ’sa chumhnanta shiorruidh tha ’friamhan an sàs. Chualas guth ann a Ramah, tha Rachael a’ caoidh, Rinn Herod an-iochdmhor a sliochd chur a dhith, Ach tha anama fo ’n altair air an tasgadh an sith, ’S iad le fadachd a’ feitheamh gu thoir iad breth air an Righ. Rinneadh an dàn so le Mr. D. I. Mac Rath a bha a’ fuireach air an Eilean Mhor, agus a chaochail o chionn còrr agus bliadhna. Bha e ’na dhuine còir, measail, agus tha an dàn so a’ nochdadh gu robh na deagh chomasan-inntinn aige. Rinn e an dàn air do dhithis de ’chloinn caochladh leis an amhaich-ghoirt. O CHIONN còrr us bliadhna sgrìobh an t-Urr. T. Watson, á Coburn. Ont., mar a leanas:—Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uair ’s gu ’n do thòisich mi air a ghabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi na ’s saline na bha mi o chionn bliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho math ’sa tha iad-san a tha ’ga dheanamh ag radh. (Aug. 14, 1896) sgriobh e rithist:—“Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.” K. D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dachaidh, o’n tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach do ’n stamaig, a leigheas. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan-cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean. Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. FLUR AGUS MIN direach as na muillnean. (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.) TI, SIUCAR, TOMBACA, etc. Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID. ALASDAIR MARTUINN. Sidni, C. B., Sept. 1, 1897. [TD 81] [Vol. 6. No. 11. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 10 SEPTEMBER, 1897. No. 11. Strathchomhainn. Tha am Morair Mac Amhlaidh ag innse dhuinn na ’eachdraidh gu bheil an t-ainm Gleann-comhann a ciallachadh Gleann a Chaoinidh. Tha fios gun robh caoineadh gu leoir anns a ghleann ud air an oidhche uamhasaich anns an deach an sluagh a mhort. Ach tha fios againn cuideachd gun robh an t-ainm Gleann-comhann ann am bith fada mu’n do rugadh Righ Uilleam no Morair Bhraidalbainn. Tha moran ag radh gu bheil am facal comhann a seasamh airson an fhacail cumhann, agus gur h-e mar sin an gleann cumhann is ciall do ’n ainm Gleann-comhann. Faodaidh e a bhith gu bheil so fior, ach cha ’n eil dearbhadh sam bith againn gu bheil. Tha abhainn bheag a ruith troimh Ghleann-comhann ris an abrar a Chomhann. ’S math a b’ aithne do dh’ Ailein Dall i. “Bho Chomhann nam bradan Is gasd ’thig fo thriall Clann-Iain gun ghealtachd, Bha ’n neart-san leat riamh; Le ’n airm an deagh òrdugh, Luchd a leonadh nam fiadh, ’S a dheanadh an tolladh Mu ’n cromadh a ghrian.” An oran eile tha am bàrd binn so ag radh: “Ghineadh mi ’san tir nach coimheach, ’S chaisginn m’ ìotadh le brigh Chomhann; Tobar iocshlainte nach reodhadh, ’G éiridh ’nios bho ’n dìlinn dhomhainn.” Faodaidh e a bhith gun d’ fhuair an abhainn ainm air thoiseach air a ghleann. Ma ’s ann mar so a bha chuis, tha ’n t-ainm Gleann-comhann a ciallachadh gleann na h-aibhne ris an abrar Comhann. Gu dé, ma ta, is ciall do ’n fhacal Comhann? Tha e gle fhurasda ceistean de ’n t-seorsa sin a chur, ach e tha fior dhuilich am freagairt. Theagamh gur h-e Cothon an doigh litrichidh cheart, agus nach h-e Comhann. Tha ’m facal cothon a ciallachadh cobhar. Faodaidh e a bhith mar sin gur h-e ’s brìgh do ’n ainm Gleann-comhann, no Gleann-cothan, gleann abhainn a chobhair. Ciamar a rinneadh am facal cothon? Cha ’n eil fios agamsa mar do rinneadh e de ’n da fhacal co agus tonn. Tha e gle chinnteach gu’m biodh cobhar far am biodh co-thonn no da thonn a bualadh ri ’cheile. Tha cuid ag radh gur h-e cothon agus omhan an t-aon fhacal. Dh’ fhaoidte gur h-e, ach cha ’n eil mi a tuigsinn ciamar is urrainn sin a bhith. Cia as a thainig an litir e? ’S e Cona a Bheurla a th’ air Comhann. Tha Strathcona mar sin a ciallachadh strath na h-aibhne do ’n ainm Comhann. Buinidh e an nis do Dhomhnull Mac-a-Ghobha, agus bho ’n a tha e na mhorair, ’s e Morair Strathchomhainn a th’ aig air fhein. Tha ’n t-ainm gle fhreagarrach, oir tha Mac-aGhobha na uachdaran os cionn gach lag, is lùb, is creag, is beinn a chi e. Tha Morair Strathchomhainn na dhuine gasda agus bithidh e na uachdaran math. Ach nach eil e na ni truagh gum biodh gleanntan agus beanntan na Gaidhealtachd air an roinn eadar beagan de thighearnan, ceudan de dh’ fheidh,agus miltean de chaoraich. Càit a bheil na daoine? Tha cuid dhiu aig an iasgach, cuid an Glaschu, ’s a chuid eile sgapte feadh an t-saoghail. Co nach cuala mu ’n Reiseamaid Chataich? Nuair a bha na gillean òga a bha san reiseamaid sin a cur smachd air Bonipart ’s a dòrtadh am fala na h-uillt airson Bhreatainn, bha Bana-Mhorair Chataibh a tilgeadh am parantan aosda am mach as an taighean, a cur am bothain bhochda nan lasraichean teine, agus gam fagail fhein ’s an cuid nighean gun bhiadh, gun leaba, gun dachaidh, gun fhasgadh. Cha ’n fheil mise am namhaid do Bhreatann, ach tha mi am namhaid do na h-uile duine a tha na namhaid d’i. Aig a cheart àm cha ’n urrainn mi a radh nach robh coire sam bith aig Breatann ris an obair mhallaichte a rinneadh ann an Cataobh. Nach h-e pàrlamaid Bhreatainn a tha deanamh laghanan do ’n dùthaich? Carson a bhiodh lagh air a dheanamh no air ’fhàgail deante, a cheadaicheadh gum biodh siorramachd aig aon duine fo òrdaig gu a thoil fhein a dheanamh rithe? ’S e mo ghuidhe ’s mo dhùrachd gun dig an latha, ’s gun dig e gu luath, anns nach bi duine no bean eadar Maol Chinntire agus Taigh Iain Ghròt an Gallaibh a’s urrainn a radh, “Tha còrr agus mile acaire de ’n fhearann a thug Dia do na Gaidheil agamsa fo m’ smachd gus mo thoil fhein a dheanamh ris.” GLEANN-A-BHAIRD. A Ghailig an New Zealand. Fhuair sinn paipear o ar caraid Iain Rothach an la roimhe anns am bheil iomradh air a thoirt air coinneamh mhiosail Chomuinn Ghàilig Dhunedin. Bha àireamh mhor a lathair, agus Domhnull Rothach (á sgire ’n t-Srath ’san Eilean Sgiathanach) ’sa chathair. Rinn fear na cathrach òraid ghasda a luibhairt ann an Gàilig, anns an d’ thug e earail air na Gaidheil a dhol a stigh ris a’ chomunn agus a bhi dileas d’an cànain. Thug e iomradh air dilseachd nan Gàidheal ann an Canada, agus labhair e mu MHAC-TALLA agus an obair a tha e ’deanamh. Bha àireamh de dh’ òraidean Gàilig eile air an liubhairt le buill a chomuinn. Thug an Dotair Gordon Domhnullach seachad mion-chùnntas air na chunnaic e air cuairt ann an baile na Ròimhe. Bha an sin co-sheirm aca, agus b’ òrain Ghàilig a chuid mhor de na chaidh a sheinn. A reir na th’ anns a phaipeir tha sinn a tuigsinn gu robh coinneamh mhath aca, agus gu robh dùil aca ri coinneamh a’ b’fhearr air an ath mhios. Tha sinn toilichte chluinntinn mu ’n chomunn Ghàilig so agus tha sinn an dòchas gu’m bi soirbheachadh math leis. Bha ceilidh aig Taigh na Bruaiche aon uair agus thàinig na gillean agus na caileagan as gach àite mu ’n cuairt. Bha na gillean smiorail, sgairteil le breacanan agus boineidean gorma gu leòir, agus mar is àbhaist do na caileagan Gàidhealach, bha iad-san laghach, lùrach, ceanalta, baigheil, bòidheach, ionnas gu ’n do chaill na gillean bochda an cridheachan gu buileach, glan. Bha gille gasda an lathair do ’m b’ ainm Ian agus bha e cumail suile air Seònaid nighean a’ chlachair, caileag dhubh, mhor, dhireach, agus ann an ceann tacan chaidh e chuice agus thuirt e rithe, “A Sheònaid, a laoidh mo chridhe, nach pòs thu mise?” Thug Seònaid sgread bheag aisde agus thuirt i, “Och, Iain, chuir thu eagal orm.” A nis bha eagal a chridhe air Ian e-féin a thaobh na thuirt e, agus chum e ri ceann eile an taighe fad an fheasgair. Nuair a bha e fàs anmoch agus a chunnaic Seònaid nach d’ thàinig Ian da h-ionnsuidh a rithist, chaidh ise da ionnsuidh-san agus thuirt i ris gu ciùin, “Iain! nach cuir thu eagal orm a rithisd?” Tha cùisean na Tuirce ’s na Gréige gun an réiteach fhathast. A reir coltais ’si Breatunn an aon dùthaich a tha feuchainn ris a’ ghnothuch a chur an darna taobh agus tha Ruisia ’sa Ghearmailt ag obair na h-aghaidh. Thatar a meas gu bheil còrr us seachd mile deug duine anns na priosain anns na Stàitean. Cha’n eil iomradh air a thoirt air na bu choir a bhi annta ’sa tha ma sgaoil. [TD 82] [Vol. 6. No. 11. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. XIII. Thuirt an righ an sin ri’ nighinn, “Cia mar a tha fhios agad gur ann le draoidheachd a chuireadh am prionnsa so ann an riochd moncaidh?” “Innsidh mi sin dhuibh,” ars ise. “An uair a bha mi mu dheich bliadhna ’dh’ aois, bha seana bhean, mar a tha cuimhne agaibh, a’ frithealadh dhomh. Bha eolas anabarrach farsuinn aice air draoidheachd. Dh’ionnsaich i dhomh tri fichead cleas ’s a deich de na cleasan draoidheachd. Leis na cleasan so rachadh agam air ceann-bhaile na rioghachd a thilgeadh ann am piobadh na sul an teis meadhain a’ chuain, no air chul Beinn Chacasus. Leis an ealain so aichnichidh mi anns a’ mhionaid a h-uile neach a tha fo gheasan, agus co a chuir ann iad. Air an aobhar sin, na biodh ioghnadh sam bith oirbh ged a thogainn-sa na geasan gun dail bhar a’ phrionnsa, agus chuirinn ’n ’ur lathair e anns a’ chruth nadarra anns am bu choir dha bhith.” “A nighean, cha robh fhios agam gus a nis gu’n robh uiread sin a ’dh eolas agad,” ars’ an righ. “Mo thighearna,” ars’ an nighean, “tha’n t-eolas so iongantach, agus is fhiach e ’ionnsachadh gu curamach; ach cha ’n ’eil mi ’smaointean gur coir dhomh uaill a dheanamh as.” “A nis, o ’n a theid agad air,” ars’ an righ, “tog na geasan bhar a’ phrionnsa.” “Ni mi sin, agus cuiridh mi e anns a’ cheart chruth ’s an robh e an toiseach,” arsa nighean an righ. “Dean e, ma ta,” ars’ an righ, cha’n urrainn dut taitneas a’s mo a thoirt dhomhsa; oir ni mi ard-chomhairleach dheth, agus posaidh e thu fhein.” “Mo thighearna, tha mise deas gus umhlachd a thoirt dhuibh anns gach ni a chuireas sibh mu m’ choinneamh,” ars’ ise. An uair a thuirt i so, chaidh i do ’n t-seomar aice fhein, agus thug i sgian as air an robh facail Eabhra sgriobhte. Thug i air an righ, air a’ chaillteanach, air a’ ghille-buird, agus ormsa a dhol sios do chuirt a bh’ anns an luchairt. Bha lobhta-chrochaidh mor-thimchioll na cuirte, agus thug i oirnne ’nar ceathrar seasamh air an lobhtaidh so; ach sheas i fhein ann am meadhain na cuirte. Tharruinn i cearcal mor mu’n cuairt air an aite ’s an robh i ’na seasamh, agus sgriobh i na h-uiread a dh’ fhacail ann an litrichean Arabianach an taobh a staigh de’n chearcal so. An uair a bha gach ni deas a reir a miann, thoisich i ri labhairt briathran draoidheachd, agus ri aithris earrannan de’n Choran. An ceann beagan uine thoisich an t-aite ri fas dorcha, mar gu’m biodh deireadh an t-saoghail air tighinn. Bhuail an t-eagal sinn gu h-anabarrach, gu h-araid an uair a chunnaic sinn am fathach, mac nighean Eiblis, air ar beulaobh ann an riochd leomhainn a bha uamhasach mor. Cha bu luaithe a chunnaic ise e na thuirt i, “A choin, an aite bhith similidh ’n am lathair mar bu choir dhut, am bheil de dhanadas agad feuchainn ri eagal a chur orm?” “Agus thusa,” fhreagair an leomhann, “an e nach ’eil eagal ort bristeadh air na mionnan a bh’ eadrainn nach deanamaid cron sam bith air a cheile?” “O chreutair mhollaichte!” arsa nighean an righ, “is math a dh’ fhaodas mise a radh gur tusa a bhrist air na mionnan.” Fhreagair an leomhann gu garg, “Gheibh thusa do dhuais gun dail air son mise thoirt an so.” An sin dh’fhosgail e a chraos, agus thug e ionnsuidh air a h-itheadh, Ach bha ise ’na faireachadh, agus thug i leum air a h-ais Spion i roineag de ’n fhalt as a ceann, agus an uair a labhair i tri facail, chuir i i-fhein ann an riochd claidheimh leis an do ghearr i an leomhann ’na dha leith. Chaidh an da leith so as an t-sealladh, ach dh’fhan ceann an leomhainn, agus ann an tiotadh chaidh e ann an riochd scorpioin. Ann am priobadh na sul chaidh nighean an righ ann an riochd nathrach, agus chathaich i ris an scorpion gus am b’ eiginn da teicheadh ann an riochd iolaire. Ach cha bu luaithe a chaidh an scorpion ann an riochd iolaire na chaidh an nathair ann an riochd iolaire mar an ceudna. Chaidh iad le cheile as an t-sealladh car uine. ’N dheigh sin dh’ fhosgail an talamh air ar beulaobh, agus thainig cat breac geal am mach, agus a h-uile gaoisne a bh’ air ’nan seasamh, agus e ’mi-amhalaich gu h-eagallach. Thainig madadh-allaidh dubh am mach ’na dheigh, agus cha do leig e fois dha. Chaidh an cat ann an riochd cnuimh; agus thachair gu’n robh ubhall air an talamh a thuit bhar na craoibhe a bha ’fas air bruaich na h-aimhne, agus gun dail chaidh a chnuimh a steach ann. Dh’fhas an t-ubhall cho mor ann an tiotadh ’s gun do spraidh e na phiosan. Chaidh am madadh-allaidh ann an riochd coilich, agus thoisich e ri itheadh nam frasan a bha ’m broinn an ubhall. Ach an uair a shaoil e gu’n d ’ith e iad uile, thainig e an rathad a bha sinn, agus a sgiathan sgaoilte, agus e ’gogail gu trang, mar gu’m biodh e ’faighneachd dhinn, an d’ ith e na frasan uile. Bha aon silean de ’n fhras aig bruaich na h-aimhne, agus an uair a thug an coileach an aire dha, ruith e g’ a iodnsuidh gus itheadh; ach an uair a bha e gus a bhith aige, rol an silean e fhein do ’n amhainn, agus chaidh e ’na iasg beag. Ann an tiotadh chaidh an coileach ’na iasg mor, agus thoisich e ri ruith an deigh an eisg bhig. Bha iad da uair an uaireadair fo ’n uisge, agus cha robh fhios againn ciod a dh’ eirich dhaibh. Ach mu dheireadh chuala sinn glaodhaich uamhasach a thug oirnn a dhol air chrith leis an eagal, agus an sin chunnaic sinn am fathach agus nighean an righ ’nan lasraichean teine air ar beulaobh. Bha iad a tilgeadh lasraichean teine as am beoil air a cheile. Bha leithid de theine ’s de thiugh-cheo timchioll orra ’s gu’n robh eagal oirnn mu dheireadh gu’n cuireadh iad an luchairt ’na teine. Ach an uine ghoirid bha aobhar eagail bu mho na so againn; oir an uair a fhuair am fathach a lamhan nighean an righ thainig e far an robh sinn air an lobhtaidh, agus thoisich e air tilgeadh lasraichean teine as a bheul oirnn. Bha siun air ar losgadh mur b ’e gu’n d’ thainig nighean an righ ’g ar teanacsadh. Ach a dh’ aindeoin na rinn i gus a chumail uainn, loisgeadh feusag agus aghaidh an righ gu h-olc; thacadh an caillteanach, agus rinneadh dubh-ghual dheth, agus chuir an lasair te de na suilean asamsa. Bha duil agamsa agus aig an righ nach robh tuilleadh saoghail againn, an uair a chuala sinn ise a’ glaodhaich, “Buaidh, buaidh!” Ann an tiotadh bha nighean an righ ’n cruth nadarra fhein, ach bha am fathach ’na thorr luathadh. Thainig i gun dail far an robh sinn, agus dh’iarr i cupan uisge a thoirt g’ a h-ionnsuidh. Thug an gille-buird uice e, agus an deis dhi facal a radh nach do thuig mi, dhoirt i mu m’ cheann e, ag radh, “Ma ’s ann le draoidheachd a rinneadh moncaidh dhiot bi air d’ atharrachadh gu cruth duine mar a bha thu roimhe.” Mu ’n gann a labhair i na briathran so, bha mise ann an cruth duine mar a bha mi ’n toiseach ach gu’n robh aon suil g’ am dhith. Bha mi ’dol a thoirt taing do nighean an righ air son na rinn i de mhath dhomh, an uair a labhair i ri ’h-athair mar so:—“Mo thighearna, fhuair mi buaidh air an fhathach mar a tha fhios agaibh; ach tha i gle dhaor dhomh, oir cha bhi mi beo ach beagan mhionaidean. Fhuair an teine greim orm an uair a bha mi ’cath ris an fhathach. Cha tachradh so idir dhomh nan d’thug mi an aire do ’n t-silean mu dheireadh de ’n fhras a bh’ anns an ubhaill, agus gu’n d’ ith mi e, mar a dh’ ith mi an corr, an uair a bha mi an riochd, coilich. B’ e sid an dara riochd mu dheireadh anns an robh comas aig an fhathach air e fhein a chur. Ach o ’nach d’ rinn mi so ’na am b’ eiginnn domh feuchainn ris a chath a chur le teine, mar a chunnaic sibh. A dh’ aoindeoin cho cumhachdach ’s cho fiosrach ’s gu’n robh am fathach, leig mise fhaicinn da gu’m b’ aithne dhomh barrachd air na b’ aithne dha. Thug mi lan-bhuaidh air, agus loisg mi e; ach cha’n ’eil e ’n comas dhomh a nis am bas a sheachnadh.” Bha ’n righ fo mhor dhoilghios an uair a chuala e na briathran so. “Mo nighean,” ars’ esan, “tha thu ’faicinn gu’m bheil d’ athair ann an droch staid. Ochan! is iongantach gu’m bheil mi fhathast beo! Tha’n caillteanach marbh, agus tha ’m prionnsa a shaor thu o’n draoidheachd an deis a shuil dheas a chall.” Bha e cho lan de bhron ’s nach b’ urrainn da an corr a radh. Thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach. An uair a chunnaic [TD 83] [Vol. 6. No. 11. p. 3] mise agus a nighean an staid mhuladach anns an robh e, cha b’ urrainn duinn gun teannadh ri gul ’s ri caoidh maille ris. An uair a bha sinn mar so ’nar triuir a’ gul ’s a’ caoidh, ghlaodh nighean an righ, “Tha mi ’losgadh! Tha mi ’losgadh!” Thug i an aire gu’n robh an teine a bha ’g a caitheamh as an deis greim fhaighinn air a collainn gu leir. Bha i ’sior ghlaodhaich, “Tha mi losgadh!” gus an do chaitheadh as i mu dheireadh. Ann am beagan mhionaidean bha i ’na torradan luathadh mar a bha ’m fathach. Cha ghabh e innseadh am bron ’s an t-uamhas a chuir an sealladh so orm. B’fhearr leam gu mor a bhith ’nam mhoncaidh fad uile laithean mo bheatha na mo bhanacharaid, chaoimhneil fhaicinn a’ basachadh anns an doigh ud. Bha ’n righ fo dhoilghios agus fo bhron gun choimeas. Bha e ’glaodhaich agus a’ gabhail dha fhein anns a’ cheann gus an do thuit e mu dheireadh ann an neul. Thug an luchd-frithealaidh leotha e, agus ann an uine gun bhi fada, bha e air chomas bruidhinn a dheanamh. Cha robh aobhar dhomhsa no do ’n righ fath a’ bhroin ’s a’ mhulaid anns an robh e innseadh. Dh’ fhoghnadh dhaibh sealltainn air an da thorradan luathadh a rinneadh de’n fhathach agus de nighean an righ, agus thuigeadh iad mar a thachair. Sgaoil an naigheachd muladach air feadh a’ bhaile ann an uine ghoirid, agus bha ’n sluagh gu leir fad sheachd laithean fo bhron air son mar a thachair do nighean an righ. Bha ’n righ fad mhios air an leabaidh le bron an deigh bas a nighinn. Mu ’n gann a dh’fhas e laidir gu leor chuir e fios ormsa. An uair a chaidh mi far an robh e ’s a thug mi umhlachd dha mar a bha dligheach dhomh a dheanamh, thuirt e rium:—“A phrionnsa, thoir an aire mhath do na bheil mi gus a radh riut. Mur dean thu mar a dh’ iarras mise ort, caillidh tu do bheatha g’ a chionn. Bha mi ’n comhnuidh a caitheamh mo bheatha gu sona, agus cha d’thainig mi-fhortan riamh ’na mo rathad. Ach dh’ fhalbh mo shonas gu buileach ri linn thusa ’tighinn ’nam rathad. Tha mo nighean marbh tha ’m fear a bha ’toirt an aire dhi marbh, agus is gnothach miorbhuileach gu’m bheil mi fhein beo fhathast. Is tusa bu mathair-aobhair do gach mi-fhortan a thainig ’nam rathad. Air an aobhar sin bi falbh Gun dail ann an sith, oir bidh mi fhein marbh ma dh’ fhanas tu ni ’s fhaide. Tha mi deimhin gu’m bi mi-fhortan anns gach aite am bi thu. Cha ’n eil an corr agam ri radh riut. Bi falbh, agus thoir do cheart aire nach tig thu gu brath air ais do mo rioghachd, ma thig caillidh tu do bheatha ris. Bha mi ’dol a labhairt, ach cha leigeach e leam aon fhacal a radh. Mar so b’ eiginn domh falbh as an luchairt. Bha mi gun mheas, gun chliu, gun chuideadhadh, gun chairdean, agus cha robh fhios agam co an taobh air an tugainn m’ aghaidh. Mu ’n d’ fhalbh mi as a’ bhaile thug mi dhiom an fheusag, lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi uman eideadh caladair. An uair a ghabh mi mo thurus as a’ bhaile, bha mi gle mhuladach, cha b’ ann a mhain air son mar a dh’ eirich dhomh fhein, ach gu sonruichte air son mar a dh’ eirich do’n da bhana-phrionnsa a fhuair am bas air mo shailleamh. Choisich mi troimh iomadh duthaich gun duine ’g am aithneachadh. Mu dheireadh shuidhich mi gu ’n tiginn gu ruige Bagdad, ann an dochas gu ’n gabhadh an righ truas dhiom an uair a dh’ innsinn dha a h-uile mi-fhortan troimh ’n deachaidh mi. Thainig mi do ’n bhaile air an fheasgar so fhein, agus b’e an caladair so, ar brathair, a’ cheud duine a choinnich rium. Tha fhios agaibh mar tha air a’ chuid eile de m’ eachdraidh, agus cia mar a fhuair mi de dh’ urram a bhith an so a nochd maille ribh. (Ri leantuinn.) NA BEANNTAICHEAN GORMA. (An Gaidheal, 1877.) Dh’ fhuirich e ’n so fad na h-oidhche, ’s cho luath ’s a thainig a’ mhaduinn dh’ éirich e gu falbh. Thubhairt an seann-duine ris nach deachaidh e ’chadal fad na h-oidhche ach a’ dol tre ’n leabhar, agus nach robh guth air na Beanntaichean Gorma ann. “Ach innsidh mi so dhuit,” ars esan “ma tha an leithid de àite idir air an talamh, tha brathair agamsa naoi ceud mile á so, agus ma tha fios aig neach air an t-saoghal c’àite am bheil iad, tha fios aigesan air.” Thubhairt an t-Eirionnach nach tigeadh an latha a choisicheadh esan naoi ceud mile, gu ’n robh an t-each air toirt thairis a cheana. “Coma,” ars an seann duine, “ni mi na ’s fhearr na sin riut, cha’n eil agam ach fìdeag a sheinn, agus bithidh tu aig tigh mo bhràthar mu ’n tig an oidhche.” Sheinn e an fhìdeag ’s cha robh fios aig an Eirionnach ciod e an talamh air an robh e gus an d’ fhuair e e-fhéin aig dorus an t-seann-duine eile. Thubhairt an seann duine so ris gu ’n robh tri cheud bliadhna o’n nach fhac e duine gus am fac e esan. “Innis domhsa c’àite am bheil thu ’dol?” “Tha mi,” ars an t-Eirionnach ’dol a dh’ fhiachainn am faigh mi neach a dh’ innseas dhomh c’ àite am bheil na Beanntaichean Gorma.” “Ma dh’ fhanas tu agams’ a nochd,” ars an seann-duine, “tha leabhar-eachdraidh an t-saoghail agam, agus bidh fios agam fo latha c’ àite am bheil iad ma tha an leithidean ann.” Dh’ fhuirich e ach cha robh guth ’s an leabhar mu ’n déighinn. An uair a chunnaic an seann-duine cho duilich ’s a bha e, thubhairt e ris gu ’n robh bràthair aige-san naoi ceud mile air falbh, agus ma bha fhios aige ri fhaotainn bho neach a bha beò mu ’n timchioll ’s ann uaithe-san; agus bheir mise ort gu ’n ruig thu an t-aite ’s am bheil e mu ’n tig an oidhche. Sheinn e an fhìdeag; agus ’s amhuil mur b’ fhior, ràinig e ’am beul na h-oidhche. An uair a chunnaic an seann duine e, thubhairt e ris nach fhac e sròn duine o chionn thri cheud bliadhna; “agus,” ars’ esan, “’s mor an t-iongantas a tha orm gu’m bheil mi ’g ad fhaicinn fhéin a nis. C’àite am bheil thu ’dol?” “Tha mi,” ars an t-Eirionnach, “air falbh ag iarraidh nam Beanntaichean Gorma.” “Nam Beanntaichean Gorma!” ars an seann duine. “’S eadh,” ars an t-Eirionnach. “Cha chuala mi ainm riamh orra. Ach ma tha an leithidean ann bithidh fios agamsa air. Is mise maighistir a h-uile eoin a th’ air an t-saoghal, agus cha ’n eil agam ach fìdeag a sheinn, agus cha ’n eil eun ’s an ealtuinn nach tig h-ugam, agus bheir mi air a h-uile fear innseadh co as a thainig e, agus ma tha dòigh air na Beanntaichean Gorma fhaotainn a mach ’s i sin i.” Sheinn e ’n fhìdeag, agus ma sheinn, thòisich eunlaith an t-saoghail air cruinneachadh. Bha ’n seann duine a’ cur ceist air a h-uile eun riamh co as a thàinig e; ach cha robh a h-aon ann a thàinig as na Beanntaichean Gorma. An uair a ruith e orra uile dh’ ionntraich e aon iolaire mhor a bha d’a dhith; agus b’ iongantach leis nach d’ thainig i. Cha b’ fhada gus am fac e tùic mhor a’ tighinn a bha ’cur dubhaidh air an speur. Bha ’n tùic a’ teannadh air a lion beagan ’us beagan, agus co a bha ann ach an iolaire. An uair a thàinig i, throd an seann duine rithe, ag radh ciod e a bha ’g a cumail-se cho fad air deireadh. “Cha b’ urra mi g’a leasachadh,” ars ise, “’bha corr ’us fichead urad astair agam r’a dheanamh ’sa bh’ aig eun sam bith a thàinig ’an so an diugh.” “Co as a thainig thu?” ars an seann-duine. “Thàinig mi as na Beanntaichean Gorma,” ars ise. “’S eadh,” ars an seann duine, “ciod a tha iad a’ deanamh ’an sin?” “Tha iad,” ars an iolaire, “a’ deanamh deasail an diugh fhein air son banais nighean righ nam Beanntaichean Gorma. Tha ise nis os cionn thri bliadhna a’ diùltadh pòsadh ri fear sam bith gus an toir i thairis nach tig am fear a thug o na geasan i. Cha ’n urrainn di fuireach na ’s fhaide nise a chionn gur tri bliadhna an ceann latha a rinn i r’a h-athair a dh’ fhanadh i gun phòsadh.” Dh’ aithnich an t-Eireannach gur h-ann ris fhéin a bha i ’fuireach cho fada; ach cha robh comas aige air a’ mhaith a dheanamh dheth. Cha b’ urrainn da na Beanntaichean Gorma a ruighinn fhad ’s bu bheò e, ’s cha robh dùil ris. Chunnaic an seann-duine cho duilich ’s a dh’ fhàs e ’s dh’ fhaighn- (Air a leantuinn air taobh 86.) [TD 84] [Vol. 6. No. 11. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ’Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 10 SEPTEMBER, 1897. Litir a Priceville, Ont. A CHARAID:—Bha coinneamh mhor aig “Mic na h-Alba” anns a’ bhaile so air an t-siathamh latha de mhios Ogust. Bha fiughar aca ri Maighstir Friseal, ard-cheann a’ Chomuinn gu òraid a thoirt seachad ann an Gàilig, ach gu tubaisteach cha d’ thainig e idir. Le sin thuit an crann air Dùghall Mac Gilleain urram a chur air a’ choinneamh le oraid mhor a thoirt seachad ann an Gàilig, agus bha i cho domhainn ri Beurla nam fianntan. Chuala mi aon ag radh nach e Gàilig chumanta th’ aig Dùghall idir, agus gu’m biodh e feumail do neach an leabhar sin ris an canar am “Foclair” a bhi aige ma bha e air son ’òraid a thuigsinn. Ach feumaidh sinn aideachadh gur am aig Dùghall a tha Ghàilig cheart, ’s nach ann aig an fheadhainn a bhios a’ fhaotainn coire dha chuid bhriathran domhainn. Faodaidh mi ainmeachadh gu bheil Dùghall cho math air an dannsa ’sa tha e air òraid a thoirt seachad; dhanns e ruidhle Ghàidhealach aig a’ choinneimh ud cho aotrom ’sa dheanadh ballach beag. Bha mi ann am baile Durham o choinn latha no dha air ais, agus chuala mi an sin Mr. Peutan, am piobaire a thug a mach a cheud duais aig Feill mhor an t-Saoghail am an Chicago a’ bhliadhna roimhe. ’Se chuireadh an ceòl briagh air a phiob, agus cha’n ioghnadh sam bith leam fhéin e thoirt an urraim o gach piobaire eile bha feuchainn, Ach thuirt mi gu leòr air a’ cheann ud, agus theid mi gu rud-eigin eile. Tha sinn aig an àm so gu trang ag obair air a bhuain. Bha an t-side fuasach fliuch againn fad àm an fheòir, agus o’n thòisich sinn air a bhuain. Tha ’n corca gle mhath agus an crithneachd foghair. Cha’n ’eil dad a dh’fheum anns a’ pheasair; bhuail gaiseadh i mu ’n do lion i, agus ann am moran àiteachan cha’n fhiach i a bualadh. Tha’n dubhadh a’ tigh’nn air bàrr a bhuntàta, agus tha eagal air daoine gu’n tig an grodadh air, mar a thainig chionn choig bliadhna. Ach cha’n ’eil math a bhi gearain; cha’n eil ann ach fàiling a tha’m mac an duine—feumaidh e bhi gearain ’nuair nach bi e ri ni sam bith eile. ’S ann a’gearain a thainig mac an duine stigh do ’n t-saoghal, agus ’s ann mar sin a dh’fhàgas e e. Tha mi faicinn litrichean us eachdraidhean fada anns a phaipear gach seachdain a tha gle thaitneach. Feumaidh mi aideachadh nach do leugh mi an àireamh mu dheireadh a thainig ugam gu buileach, ach tha mi ’creidsinn gu bheil e cheart cho math ri càch. Chi mi gu tric litrichean beaga goirid air an cur a dh’ionnsuidh a phaipeir le daoine a tha mi cinnteach a tha làn chomasach air barrachd a sgriobhadh na’n deanadh iad an oidhearp. ’N am bharail fhéin, cha chòir do dhuine a litir a dheanamh ro ghoirid, ’nuair nach sgriobh e ach uair no dha ’sa bhliadhna. Tha moran dhaoin’ ann a tha coltach ri Domhnull Mor nuair a bha e aig a dhinneir anns an tigh-osda. Thainig an te a bha ’frithealadh a bhùird far an robh e agus dh’fheòraich i dheth co-dhiu a ghabhadh e feòil no iasg. Thionndaidh Domhnull mu’n cuairt agus thuirt e rithe, “Ma ta, a ghràidh, gabhaidh mise le chéil’ iad.” Sin mar a tha moran dhaoine; gabhaidh iad gach ni a gheibh iad. ’S math leotha daoin’ eile bhi cosg an sùilean a sgriobhadh ’nuair nach dean iad fhéin ach gle bheag dhe’n obair sin. ’S math leotha iad fhéin a bhi ’nan tàmh agus càch a bhi ’g obair. Cha bhi ag radh a chorr aig an àm so. Slàn leibh. Is mi ur caraid dileas, IAIN MAC ILLEASBUIG. Ogust 30, ’97. Tha sgeòil a sior thighinn air pailteas an òir ann an Klondike; cha’n ’eil teagamh nach eil e na’s pailte ann na fhuaradh ann an àite riamh roimhe. Ach tha mar an ceudna sgeul agus sgeul a tighinn air deuchainnean agus cunnartan na slighe, agus gu dearbh is eagallach iad. ’Se ’n duine glic a dh’ fhanas aig a thigh gu earrach, o’n cha ’n eil dòigh air an t-àite ruigheachd re a gheamhraidh. Ach tha na miltean air an t-slighe cheana, agus faodaidh sùil a bhi ri iomadh teachdaireachd bhochd d’an taobh mu’n tig an samhradh s’a tighinn. Chaochail fear Domhnull Mac Gilleain ann am Fionnphort, am Muile, air Di-haoine, an t-siathamh latha de dh’ Ogust, an deigh dha aois ceud bliadhna ’sa tri a ruigheachd. Rugadh e an Dun-Uilleim. Thainig e do Mhuile o chionn tri fichead bliadhna ’sa deich air ais, agus bha e ann o’n uair sin, a’ tuathanachas agns a’ ceannachd. Bhuineadh e do ’n Eaglais Shaoir, agus bha e ’na eildeir anns an sgire ’san robh e fuireach. Bha e na dhuine air an robh mor-mheas aig na h-uile chuir eòlas air. Leugh na paipearan gasda a tha anns an àireamh so o “Chona” agus o “Gleann a’ Bhaird.” MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 85] [Vol. 6. No. 11. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil na h-iasgairean air cladaichean a tuath an eilein a’ glacadh moran ronnaich. Faodar tòiseachadh air glacadh nan eisirean air a choigeamh latha deug dhe ’n mhios so—Di-ciaduin s’a tighinn. Tha an trosg gu math gann air cladaichean Labrador air an fhoghar so. Tha e mu ’n treas cuid na ’s lugha na bha e ’n uiridh. Bidh ainmean na muinntir a phàigh anns an ath aireamh. Tha sinn an dòchas gu ’n tig àireamh mhor a stigh roimhe sin, air chor ’s gu ’m bi àireamh mhath dhiubh ann. Chaidh tri cheud barailte de dh’ ùbhlan a chur a null gu Lunnainn á Montreal air an t-siathamh lotha fichead de ’n mhios a dh’ fhalbh. B’e so a’ cheud luchd ùbhlan a chuireadh air falbh á Canada air an fhoghar so. Chaidh banc a robaigeadh ann on Napanee, an Ontario, air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig na robairean bhar crioch nan Stàitean agus fhuair iad a dhol air ais gun an glacadh. Thug iad leotha da mhile dheug air fhichead dolair. Tha an Sydney Field Battery air a campachadh air rudha nam barracks air an t-seachdain so. Bidh iad ann gu deireadh na seachdain s’a tighinn. An uiridh cha do champaich iad idir, agus thatar a deanamh suas a challa sin dhaibh am bliadhna. Tha sgireachd de dhaoine dubha, mu naodh no deich de mhiltean á Halifax, anns nach robh sgoil o chionn iomadh bliadhna. Chaidh an tigh-sgoile a bh’ aca ’na theine, agus cha deachaidh tigh ùr a thogail fhathast Tha aig a chloinn òg ri fàs suas gun ghuth sgoile. Fhuaireadh corp Chaiptein Eanruic Arkwright anns an deigh faisg air Mont Blanc, an Switzerland, an la roimhe. Chaidh Arkwright agus triuir eile a mharbhadh le beum-sleibhe o chionn aona bliadhn’ deug air fhichead air ais; fhuaireadh cuirp chach aig an àm ach bha a chorp-san anns an deigh fad na h-ùine sin. Tha an t-side o chionn dha no tri lathaichean air fàs gu math fuar, gle choltach ri deireadh an fhoghair. Cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n bha sinn a’ gearain air cho fadalach ’sa bha blàths an t-samhraidh ann an tighinn, agus a nise bidh sinn a gearain air cho luath ’sa tha ’m blàths a falbh. Cha ’n fhada nise gus am bi an geamhradh againn. Cha ’n eil am Viscomte de Fronsac, air an d’ thug sinn iomradh roimhe mar fhear a bha ’g agairt coir air Nobha Scotia, ag iarraidh de ’n fhearann ach a chuid sin a tha ’na fhearann crùin, agus tha e dol a dheanamh greim air sin an ùine gun bhi fada. Ma gheibh e am fearann sin tha e dol air ball a chur luchd-àiteachaidh air, agus togaidh e aitreabh ghreadhnach dha fhéin. Cha ’n eil a chuid mhor a toirt moran geill d’a agartas ach tha cuid ann a tha dhe ’n bharail gu’m faod e dragh nach beag a chur air riaghladh na mor-roinne. Tha muinntir na Gàidhealtachd a cur mu dheibhinn am Biobull eadar-theangachadh gu Gàilig as ùr. Tha ’n t-Ollamh Mac Fhionghain an Duneideann agus an t-Urr. Dr. Mac Gilleain an Glascho air dithis dhoibhsan a gu dhol ris, agus tha iad a’ cur rompa an obair a dheanamh gu math. Bith am Biobull ùr air a chur an clò an ceann beagan us bliadhn’. Tha dùil gu’m bi an t-eadar-theangachadh ùr moran na’s fhearr na ’n t-eadar-theangachadh a rinneadh roimhe, ged a tha sin air a mheas le àrd-sgoilearan gu math air thoiseach air a’ Bhiobull Bheurla. Tha ’n grodadh gle dhona anns a bhuntàta an New Brunswick, agus ann an iomadh àite tha ’n corca air a mhilleadh leis an uisge. Tha Niall Mac-Illemhaoil, à Eureka, California, air an t-seachdain so ann an Sidni a’ choimhead air a chàirdean. Tha Mr. Mac-Illemhaoil na fhear-cuideachaidh aig a’ phost-mhaighstir ann a Eureka. Tha Diùc agus Ban-Diùc York an dràsda ’cur cuairt air Eirinn, agus tha ’n sluagh a’ cur failte chridheil orra. An deigh dhaibh tilleadh á Eirinn, tha iad a’ dol a chur cuairt air Alba, far an deanar am beatha cheart cho math. Tha an crithneachd agus an corca gle mhath air Eilean a’ Phrionnsa air an fhoghar so. Tha bàrr eile gle mhath cuideachd, agus buntata. Tha na h-ùbhlan fad air ais; cha ’n fhaighear ach mu pheice far am faighte barailte an uiridh. Cha ’n fhada nise gus an atharraichear àm falbh us tighinn a’ charbaid-iaruinn. Cha ’n eil fhios fhathast de ’n t-àm de ’n latha a bhios an carbad a fàgail Shidni, ach tha dòchas againn nach bi e falbh cho fior thrath ’sa mhaduinn ’sa bha e geamhraidhean roimhe. Bha coinneamh cléire ann am Baile-nan-Gall toiseach na seachdain s’a chaidh, agus bha gairm o choithional Ghrand River air a chur air beulaobh an Urr. Iain Friseal Tha coinneamh gu bhi aìg a’ chléir ann an Sidni Tuath deireadh a’ mhios, aig an innis Mr. Friseal co-dhiu ghabhas no nach gabh e ris a’ ghairm. Faisg air St Andrew’s, N. B., bha fear Seumas Mc Shane air a mharhbadh le tarbh, a sheachdain gus an Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh e mach a chur a bheothaich air teadhair, agus thionndaidh e air, agus an deigh dha a mharbhadh lean e air gabhail dh’a chorp gus ’n do loisgeadh air ’s an deach a mharbhadh. Bha Mc Shane tri fichead bliadhna dh’ aois. Tha am fiar anabarrach math air taobh tuath an eilein air an fhoghar so. Tha moran de na tuathanaich aig nach robh uiread feòir o chionn iomadh bliadhna. Tha an corca ’s gach bàrr eile gle mhath mar an ceudna. Ged a tha e doirbh airgead a dheanamh air im no ni sam bith eile tha iad a’ creic, tha e gle chinnteach nach bi gainne sam bith anns an dùthaich air a bhliadhna tha tighinn. Chaochail fear Iain Camaran, mac do Sheòras Camaran am Broad Cove Banks, anns an ospadal am baile Minneapolis, o chionn ghoirid. O chionn da bhliadhna, thachair sgiorradh dha ’s e ’g obair air carbad-iaruinn, agus b’ fheudar a dha chois a ghearradh dheth. An deigh dha dhol beagan na b’ fhearr, thug cuideachd an rathaid-iaruinn da mhile dolair dha agus fhuair iad obair eile dha, obair ris an robh e gu àm a bhàis. Bha e na dhuine air an robh fior chliù. Thatar a toirt a chuirp dhachaidh, agus bidh e air a thiodhlacadh ri taobh athar, a chaochail o chionn ghoirid. Chaidh fear Tearlach Bowman a mhort, ann an Tracadie, faisg air Antigonish, oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh an gniomh a dheanamh le fear Henry Davidson. Bha an dithis an cuideachd a chéile a chuid bu mhotha dhe ’n latha, agus pic-nic a’ dol air adhart. ’Nuair a thainig an oidhche, chaidh Bowman agus fear eile dhachaidh le Davidson, a bha air an daoraich. Chaidh iad a stigh comhla ris, agus an deigh a chur a thàmh air son na h-oidhche mar a shaoil iad dh’ fhalbh iad. Air dhaibh an dorus a dhunadh ’nan deigh, loisg Davidson orra le gunna, agus chaidh Bowman a bhualadh leis an urchair. Cha robh e beò ach uair an deigh losgadh air. Tha Davidson anns a’ phriosan. Tha e ’gabhail air nach eil cuimhne sam bith aig air an urchair a losgadh. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .30 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho soar ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 86] [Vol. 6. No. 11. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 83.) eachd e de ’n iolaire ciod a ghabhadh i agus am fear so a thoirt air a muin gu ruig na Beanntaichean Gorma. “Gu ruig na Beanntaichean Gorma?” ars ise. “’S eadh,” ars an seann duine. “Gabhaidh mi,” ars ise, “tri fichead mart air am marbhadh, agus àithean a dheanamh dhiubh; agus a h-uile uair a bheir mise sùil air mo ghualainn tilgidh esan àith ’nam bheul.” An uair a chuala an t-Eirionnach agus an seann duine na dh’ iarr i dh’ fhalbh iad a shealg, agus mu ’n d’ thàinig an oidhche bha tri fichead mart aca air am marbhadh. Rinn iad àithean diubh mar a dh’ iarr an iolaire, agus an sin thubhairt an seann duine rithe i ’dheanamh laidhe gus an càireadh iad air a muin iad a lion àith ’us àith. Rinn an iolaire laidhe agus thòisich an seann duine agus an t-Eirionnach air cur suas na feola air druim na h-iolaire. B’éudar dhoibh an toiseach ceithir ceumannan deug fàraidh fhaighinn leis am b’ urrainn doibh dìreadh air druim na h-iolaire, agus chàirich iad an fheòil cho maith ’sa b’ aithne dhoibh. Thubhairt an seann duine ris an Eirionnach e ’ghabhail suas air a druim agus e ’chuimhneachadh e thilgeil ceithreamh feòla g’a h-ionnsuidh a h-uile uair a bheireadh i sùil air a gualainn. Ghabh e suas agus thug an seann duine òrdugh do ’n iolaire i ’bhi ’falbh. Dh’ fhalbh i ’s a’ mhionaid agus a h-uile sùil a bheireadh i air a gualainn thilgeadh an t-Eirionnach ceithreamh feòla ’n a beul. An uair a bha i a’ teannadh faisg air criochan Rioghachd nam Beanntaichean Gorma, theirig an fheòil, agus sùil dh’ an d’ thug ise air a gualainn ciod an obair a bh’ aig an Eireannach ach a’ cur na cloich eadar barr a h-earabuill agus a h-amhaich! Chuir i làn char dhith fhéin agus tilgear an Eir- do ’n fhairge. C’àite an do thuit e ach anns a’ bhaigh a bha direach mu choinneamh tigh an righ. Fhuair gu fortanach barran òrdagan a chas greim air a’ ghrunnd, agus dinnear e fhéin air tir. An uair a chaidh e suas bha sràidean a’ bhaile a’ lasadh le solus, ’s banais nighinn an righ gu tòiseachadh. Chaidh e stigh do ’n cheud tigh a thachair air; ’s ciod an tigh a bh’ ann ach tigh cailleach-nan-cearc aig an righ. Dh’ fhaighneachd e de ’n chaillich ciod am fuaim ’s an solus a bha ’s a’ bhaile mar sid. “Tha,” ars ise, “nighean an righ a’ dol a phòsadh a nochd ’an aghaidh a toile, agus dùil aice a h-uile latha gu ’n tig am fear a thug bho na geasan i.” “So dhut gini,” ars esan, “agus falbh ’s thoir ’an so i.” Dh’ fhalbh a’ chailleach, agus cha b’ fhada gus an do thill i ’s nighean an righ comhla rithe. Dh’ aithnich i fhéin agus an t-Eirionnach a cnéile, agus phòs iad ’s rinn iad banais mhor, ghreadhnach, aighireach, a mhair latha ’s bliadhna! Na Gaidheil ann an Canada. Le gairdean treun, le dochas laidir, agus le cruadal sonruichte, choisinn na Gaidheil, ma ta, aite measail doibh fein anns an dùthaich ùr so. Ged dh’ fhag moran diubh an tir anns an d’ rugadh iad le cridheachan muladach, bha aobhar aca ann an uine ghearr a bhi taingeil gu ’n d’ thainig iad do Chanada; far am bheil Cothrom na Feinne aig gach duine ’ghluaiseas gu stuama, siobhalta, dichiollach. Nam fanadh iad ann an tir an fhraoich, cha bhitheadh fardach seasmhach aca; cha bhitheadh dachaidh aca doibh fein gun chis, gun mhal, gun chomain do thighearna no uachdaran air bith; cha bhitheadh an sonas agus an soirbheachadh co maith agus co tlachdmhor ’s a tha iad. Is ann le spairn anabarrach, ’us le durachd diongmhalta ’gheibh sinn ni maith air bith, agus a ni sinn gniomh euchdail anns an t-saoghal so. Ma b’ eiginn do mhoran de na Gaidheil aig nach robh maoin no storas, deuchainn fhulaing ann a bhi gearradh sios nan craobh agus ann a bhi ’glanadh an fhearainn agus ann a bhi togail tighean anns an gabhadh iad fein agus an teaghlaichean comhnuidh; gun teagamh tha moran aca r’a nochdadh airson an dichioll agus an saothreach. Tha pailteas ’n an dachaidhean; is leo fein an tighean agus na bailtean a tha air an ainmeachadh orra. Le beannachadh an Tighearna tha iad neo-eisimealach, agus faodaidh iad cinnte ’bhi aca nach bi uireasbhuidh ri fhaireachduinn, re an làithean anns an t-saoghal. O’n bha agus o’n tha na Gaidheil ann an Canada co tapaidh, co durachdach, co gaisgeil, agus co aghartach, cha ’n eil ioghnadh air bith gum bheil iad beartach, agus gu bheil iad eolach agus eifeachdach anns gach deanadas agus obair ’us oidheirp a bhuineas do Chanada gu leir. Tha na Gaidheil mor, measail, am measg marsantan ar dùthcha, ’us tha moran Gaidheil air an roghnachadh airson aite ghabhail ann am parlamaidean ar dùthcha. Tha moran Gaidheil ’tha faoilidh le ’n airgiod, a’ deanamh maith moir. Ach gu de ’tha Gaidheil bheartach Chanada ’deanadh airson an canain, no airson ainm, ’us cliu, ’us abhaistean nan Gaidheal a chumail suas, agus comhnadh ’us cuideachadh a thabhairt doibhsan a tha cosmhnil ri MAC-TALLA, proiseil mu dheibhinn nan Gaidheal, agus iarrtuiseach air eachdraidh ’us beusan nan Gaidheal a chumail daonnan ann an doigh ghasda fa chomhair an t-saoghail gu leir. Tha na Gaidheil Albannaich easgaidh gach àm ann a bhi ’g radh gu bheil na h-Eirionnaich tuasaideach, feargach, lan mi-riaghailt ’us aramach. Fhuair na h-Eirionnaich iomadh aobhar a bhi ’g radh agus a’ creidsinn gu robh eucoir mhor air a dheanamh orra leis na Sasunnaich. Tha cridheachan caoimhneil, carthannach aca, ’s an uair a nochdar fior-chaoimhneas doibh, cha ’n eil air uachdar an domhain, daoine ’s modha blaths ’us cairdeis na iadsan. Anns na Staitean agus am measg ar coimhearsnaich, tha moran Eirionnaich. Tha iad dileas dochanain an sinnsirean, agus tha iad a’ teagasg an canain ann am bailtean mora nan Stàitean. Anns an oil-thigh Phapanach a tha ’nis aig tus a chuairt ann am baile mor nan Stàitean, tha cathair air a steidheachadh airson foghlum a thoirt ann an canain, ann an eachdraidh, agus ann an abhaistean aosmhor Eirinn agus nan Eirionnach. Thug mar an ceudna Eirionnach blath-chridheach suim mhor airgid seachad airson eolais a thabhairt ann an oil-thigh Iain Hopkins ann am Bail-ti-mor, do gach neach aig am bheil iarrtus air canain Eirinn ionnsachadh. Am bheil Gaidheil Chanada ’tabhairt beagan no moran de ’n saoibhreas do gach oidheirp dhileas a tha MAC-TALLA ’deanamh airson na Gailig a chumail suas, agus meas ’us muirn ’us urram a chur agus a charamh air gach ni ’tha Gaidhealach agus a tha comasach air speis ’us tlachd ’us toileachas a dhusgadh anns gach cridhe tha faireachduinn fola bhlaith nan Gaidheal ann. Is muladach an sgeula tha ri innseadh oir is e so ’n fhirinn, nach eil Gaidheal thall no bhos, an ear no ’n iar, a thug fathast beag no mor de airgiod no òr a chum na Gàilig a theagasg no muirn a nochdadh dhi anns an dùthaich so, far am bheil iomadh canain air a labhairt, agus far am bheil Sasunnach agus Frangach a tabhairt moran tuille airson an daoine ’s an canain na thug na Gaidheil riamh fhathast ann an Canada. B’ olc an aire nach b’ urrainn iomadh Gaidheal feineil beartach, Sasunnach a dheanamh de fein air ball, oir is ann do gach fine ach na Gaidheal a tha e ’tabhairt a ghraidh ’s a chomhnaidh. Tha MAC-TALLA airidh air cliu ’s taingealachd mhor, ’us dhileas. Bu choir do MHAC-TALLA cairdeas, ’us cliu, ’us cuideachadh, gach Gaidheil ann an Canada fhaotainn agus a mhealltuinn, gu toileach, aghartach, fiughanta. Is maith a gheibhear MAC-TALLA ’us an Gaidheal dileas, tapaidh, a tha ’g a chumail an ordugh. Bu choir do gach Gaidheal an Canada lamh chairdeil a shineadh do MHAC-TALLA: us caoimhneas airidh a nochdadh dha ’s fhadadh suas am measg a chairdean air gach taobh. CONA. Litir a Eilein Wight. Fhuair mi litir an de bho Thearlach Mac Gilleain, Seanailear anns an arm Bhreatunnach. Tha i air a sgriobhadh ann an Gaidhlig, agus bho nach eil nithean diomhair sam bith innte bheir mi seachad i facal air an fhacal: ISLE OF WIGHT, 20th August, 1897. MO CHARAID GRADHACH,—Thainig bhur litir agus na paipearan, agus moran taing dhuibh air an son. Cha ’n urrainn mi moran a sgriobhadh gu ’r n-ionnsuidh an drasd. Chaill mi mo mhac anns na h-Innsean, mar a bhios fios agaibh bho na paipearan. Thug Dia air falbh e, ach thuit e le urram air blar a chatha. ’S fearr leam mo litir bhronach a sgriobhadh ann an cainnt mo dhùthcha gu neach a tha fios agam a [TD 87] [Vol. 6. No. 11. p. 7] bhios duilich air mo shon. Cha ’n urrainn mi tuilleadh a radh. TEARLACH MAC-GILLEAIN. Nuair a leugh mi an litir cha b’ urrainn mi gun a bhith smaointean air na facail mhuladach, chaill mi mo mhac. B’e deireadh na cuise gun do gnlac mi mo pheann agus gun d’ fheuch mi ris an litir a chur ann am bardachd. So mar a chaidh leam: ORAN BROIN. Tha mo chridh’ an diugh brònach, Dh’ fhalbh mo shòlas air sgéith bhuam. Tha mi trom ’s tu gam dhìth, ’Ille ghrinn, bheusaich; Tha mi trom ’s tu gam dhìth. Thuit mo mhac, mo mhac àillidh, Anns a bhlar fo throm chreuchdan. Thuit an t-òganach aoibheil, Cridh’ a chaoimhneis ’s na féile; Lamh na gaisge ’sa chomhstri, ’S ceann an eolais ’s na leirsinn. Leam bu taitneach do dhoighean, ’S b’ ard mo dhòchas mu d’ dheibhinn. Bu tu dealbh an t-sar shaighdeir, ’S tu gun fhoill ann ad chreidbhaig. Cha dig litir, mar ’b’ àbhaist, Bho d’ laimh chairdeil le sgeul ort. Is cha ’n fhaic mi ri m’ shaoghal, Do ghnuis aobhach, chiuin, cheutach. ’S fada bhuainn tha na fòidean A tha còmhdach do dhéile. Bho do ghluasad mar dh’ iarrainn An cath iargalt’ nan geur-ghath. Bha thu dilees do d’ chairdean, ’S bha thu dàn ri uchd deuchainn. Thuit thu ’n aobhar do dhùthcha, ’Cur luchd-spuinnidh fo gheill d’i. Thuit thu, Eachainn, fo urram, Mar a bhuineadh do threunfhear; Is do dh’ fhiuran de ’n cinneadh, Nach d’ fhuair innisg an teugmhail. ’Se an Ti a tha riaghladh, ’Sa b’fhear ’dion anns gach ceum dhomh. A thug bhuan mo mhac gradhach, Ann an araich an reubaidh. Bidheam striochdte, mar ’s còir, dha. Biodh mo dhòchas gu leir ann. Tha mo ghruaidhean a seacadh, S tha mo neart ga mo threigsinn. ’S gearr an uine ’s an gluais mi, ’N déidh na bhuannaich an t-eug bhuan. Rugadh Eachann ann am bùth air cnoc Shekh an ceann tuath nan Innsean, far an robh an reiseamaid san robh athair, anns an bhliadhna 1870. Bha e na oifigeach ann an reiseamaid ris an abrar na Guides, no na Treoraichean. Tha ’athair na fhior Ghaidheal, na sheanailear measail, agus na dhuine gasda. Nach mor an dealachadh a tha eadar duine uasal aig a bheil tùr agus ablach suarach gun toinisg! Tha Beurla agus Hindustani gu leoir aig an t-seanaileur Mac-Gillean, gidheadh cha’n fheil nàir air litir a sgriobhadh ann an Gaidhlig. Nan tachradh dha tuiteam ann am blàr, ’se ’s dòcha gu’m biodh uirnigh dheireannach, mar a thachair mu Iain an Fhasaidh-Fhearna, air a cur a suas anns a chainnt a theagaisg, a mhàthair Bha ’n Seanailear Mac-Gilléain ’s na h-Innsean, China, Afghanistan, is Persia bho ’n bhliadna 1854, gu 1892, agus cha do chaill e a Ghaidhlig. Tha cuid de dhuine ann a chailleas i ann an da bhliadhna, ach cha ’n fheil iad sin nan Seanailearan, agus gu fortanach cha bhi. ’S trom an éire an t-aineolas. GLEANN-A-BHAIRD. An do phàigh thu MAC-TALLA. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 88] [Vol. 6. No. 11. p. 8] Laoidh na Beatha. Na h-innis dhomh am briathran dubhach, Nach ’eil ’n ar beath’ ach bruadar faoin, Oir tha ’n t-anam marbh a chaidleas, ’S cha’n ’eil nithe mar a shaoil. Tha ar beatha anabarr sòlaimt’, ’S cha’n i ’n uaigh fhuar crìoch ar saogh’l; “Is duslach sibh ’s gu duslach pillidh,” Cha dùbhradh riamh ri anma dhaoin’. Cha’n i toil-inntinn ’s cha’n e mulad, Ar crìoch àraid no ar ràth’d; Ach bhith dèanamh chum gach latha, Gum bi ar maitheas ’dol am meud. Tha ealdhain lìonmhor ’s ùine siubhal, ’S ged robh ’n cridhe fearail, tréun; Cha’n ’eil ann ach druma-mhulaid, ’Bualadh corranach an éig. Ann am faiche ’n t-saogh’l fharsaing, Ann an camp na beatha fhìor; Na bi mar ainmhidh balbh gun toinisg; Bi ad ghaisgeach anns an strìth. Na cuir earbs’ an gean ri tighinn, ’S na bi caoidh na h-ùine ’thréig; Dèan, O dean ’s an àm a th’ agad, Fo cheannsal Dhé le cridhe tréun. Tha beatha dhaoin-mór’ ’g ar teagasg, Gum faod sinn uile strìth ri éuchd; Is air dhuinne siubhal dhachaidh, Céuma fhàgail as ar déigh. Céuma theagamh, chì neach eile, Air a thuras troimh an t-saogh’l; Bràthair bochd ’tha call a mhisnich, ’S gum faigh e spiorad ùr d’ an taobh. Bìomaid suas, ma tà, ’s ag obair, Le crìdh’ gun gheilt roimh chruas an t-saogh’l, A’ sior bhuidinn ’s a sìor leantainn, ’Fòghlum foighidinn is saoth’r. Oran Gun Duais. AIR FONN—“Ruidhlidh na Coilich Dhubha.” Na’m biodh caileag agam fhìn Sìomhalt bu mhath leam i; Fhad ’s a dh’ fhanadh i rium bìth, Bhithinn rithe bàigheil. Is neònach an rud a th’ ann, An-tlachd air banasgail, Is ceòlar an rud a th’ ann, Brioguisean air pàistean. Ma shaothraicheas tu thar o chòir ’S dògh gun tig fallus ort; ’S ma theid thu domhain anns an òl, Ni thu bròn am màireach. Is neònach an rud a th’ ann, Fang mu na boirionnaich; Is neònach an rud a th’ ann, Galar a’ bhuntàta. Féumaidh mnathan uaisle ti, ’S dìth e mur faigh iad sin, Ach fèumaidh iad barrachd mar rith’ ’S aran, ìm, ’us càise. Is neònach an rud a th’ ann ’N sannt th’ air na caileagan ’Bhi seang uile mun a chneas ’Us tomult mu na màsaibh. ’H-uile fear a bhios gun mhnaoi Chaoidh cha bhi piseach air, ’S bòidheach an sealladh mart laoigh ’S coiseachan a’ bà rith’. ’S neònach an rud a th’ ann, Clann aig na deireasaich, Is neònach an rud a th’ ann, Bradain ’bhi ’gan àrach. Ged tha ’gealach fada, shuas, ’S suarach an t-astar e. Nitear inneal dhuinn gu luath, ’Bheir a nuas i lamh ruinn. Is neònach an rud a th’ ann, Frangaich ’us Sasonnaich Do’m b’ àbhaist a cheile ’sgrios A bhi nis’ ’an càirdeas. Nian bodaich d’am bi nì ’S cìnnt’ gu’m bi farraid oirre, ’S nian caillich bhios gu tinn ’S cìnnteach gheibh i sàrach. Is neònach an rud a th’ ann, Bantrach gan mhearachas, ’S neònach an rud a th’ ann, Banarach gun bhlàthaich. Bheir mi taisdeal thar a’ chuan,— Buailidh mi ’Chanada, Ged a tha e fada uainn ’S duaismhor e gu h-àiteach. Is neònach an rud a th’ ann, Gleanntan ar n-ath’richean Aig caoraich a bhi fo reachd, ’Us feachd nan cabar stràiceil. ’H-uile fear aig am bi sluagh Buannaichidh arabhaig, Ach ’s beag cobhair ni an tréud, ’N uair a dh’éireas nàmhaid. Is neònach an rud a th’ ann, Clann gun na ceannardan;— Is neònach an rud a th' ann, Dìmeas air na Gaidheil. Ged a tha iad math ’s an arm, Garbh aig a’baile iad; Molar iad fa’n glonn ’san ar 'S smaodar iad fa’n aiteach. Is neònach an rud a th’ ann, Sannt air a’ chonach sin; Is neònach nach eil na Flath A’ deanamh rath no stath leis. Ach, mar thuirt an Guth ’s an spéur, “Tréigidh an gineal so, ’S o’n nach d’imir iad le tùr Thig siol ùr ’nan aite.” Is neònach an rud a th’ ann, Faisneachd ’ga coilionadh;— ’S neonach an rud a th’ ann,— ’S fiù e aire araidh. Oran so air rud sam bith, Mar a shir a’ Chuideachda, ’S c’iu a gheibh ’s nach faigh e “duais” ’S uaibhreach air a’ bhard e. Is neònach an rud a th’ ann Teangairean ealanta; Is neònach an rud a th’ ann Simileir gun fhardaich! Chi thu sid mu dheas ’s mu thuath, ’S truagh leat an sealladh e,— Far an d’ arosaich na Fir, Gheibh thu nise ’m magan! ’S neònach an rud a th’ ann, Ganntar de sgoilearachd: Is neònach an rud a th’ ann, Aineolas ’g a arach! AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St Boston, Mass. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. FLUR AGUS MIN direach as na muillnean. (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.) TI, SIUCAR, TOMBACA, etc. Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID. ALASDAIR MARTUINN. Sidni, C. B., Sept. 1, 1897. [TD 89] [Vol. 6. No. 12. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 17 SEPTEMBER, 1897. NO. 12. Laoidh. Ainm Immanuel chaoimh r’ a luaidh, ’S mìlse e na rogha ’chiùil; Is na bhreith, na bhàs, ’s na thruaigh, Cuiridh m’ anam ’uile dhùil. “Faigheadh Dia ’s na h-àrdaibh cliù,” Sheinn na h-ainglean aig a theachd; Dhia, mo theanga gléus as ùr— B’ e mo chomain seinn, gu beachd! Chum fo ’n lagh bhith gabhail ’àit’ An do nochdadh e ’s an fheòil, Air mo sgàth a’ fulang bàis— Is nach gluais mo bhèul gu ceòl? Gluaisidh! moram ’ainm ro ghrinn, Ged is diblidh, fann, mo luaidh; Oir na ’n diùltainn-sa bhith seinn, Dh’ éigheadh ’mach na clachan cruaidh. Ceanglam h-uile h-ainm is fheàrr— Céile, Caraid, Slàn’ghear, Uan, Grian is Sgiath, Fear-dìon is Brath’r— Gràdh mo chridh’ dhuit, sìorruidh, buan! As na h-Eileanan Coille, E. P. I. A CHARAID [?]—Tha mi a sgriobhadh thugad aig an àm so a dh’ innseadh dhuit gu’n d’ thainig an caraid còir agus am fior Ghàidheal air an tug mi iomradh anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi thugad, le ’ainm agus le ’dhollar gus mi a chur a dh’ iarraidh a MHAC-TALLA dha fad bliadhna—agus ma’s e do thoil e faigh ann am broinn na litreach so e, agus ’ainm ’s a shloinneadh ’s ’aite-còmhnuidh ann am Beurla chruaidh Shasunnaich. Tha mi an dòchas gu’n tig am paipear ga ionnsuidh cho luath ’sa bhios cothrom air, a chionn ’se am fior Ghàidheal a th’ ann. Mo bheannachd aige agus dha na h-uile gin de ’sheòrsa. Cha’n eil moran do naigheachd agam an dràst is fiach a bhi ga aithris dhuit fein no do d’ leughadairean còir, ach gu’m faod mi innseadh gu bheil luchd-tomhais an rathaid-iaruinn a ruith an tomhais gu trang eadar Baile Shearlot agus Murray Harbour. Tha iad an dràsd seachad mu na cùil againn. Cha’n urrainn mi a ràdh aig an àm gu de cho faisg sa bhios iad air na h-Eileanan Coille, ach cha bhi e fada air falbh. Tha mi creidsinn gu’m bi cuir gu leòr ann, a chionn tha iomadh slochd us plochd ann am pàirt de’n rathad a tha iad a gabhail, ged a shaoileamaid gu’m faodadh iad rathad moran na bu chòmhnarda ’ghabhail. Chuir riaghladh na dùthcha againn mu dheidhinn cladhach airson guail, agus chaidh iadsan a bha ris an obair coig ceud agus sia troidhean a dhoimhneachd ach cha’n fhacas coltas guail, ach fhuair iadsan deagh shuim airgid air son an cuid obair. Fhuair iad da chiad deug gu leith dolair, agus mar sin thatar a smaointeachadh gu’n caill an luchd-riaghlaidh am misneach gus ’fheuchainn tuilleadh aig an ruith ud. Tha daoine an ireadh mhath dhe’n bhuain an so ach tha cuid a gearain gu bheil meirg air pàirt de’n choirce. Tha ’a cruithneachd aig a mhor chuid meadhonach maith agus thatar a smaointeachadh gu’m bi am buntata gle mhath ged a bha ’m daolag neònach a deanamh a dichill gus a mhilleadh. Tha coltas a gheamhraidh a tighinn a nis agus tha aobhar dòchais gu’m bi càirdean MHIC-TALLA a dol nis lionmhora agus nach bi iad idir a deanamh dichuimhne air a bhi ga chumail suas. Tha mi an dòchas cho fad ’sa bhios mi fein beò co-dhiu gu’m bi e air a chumail beo, slàn, fallain, agus a dol nis lionmhora am measg ar luchd-dùthcha. ’S maith an comharradh air a bhi faicinn na ministearan agus na sagartan Gaidhealach a bhi ga ghabhail cho lionmhor, ach tha mi ’g ionndrainn cuid de na ministearan Gaidhealach a’s aithne dhuinn gle mhaith nach faic sinn an ainmean idir ann. Cha chreid mi nach feumte comhairle Chalum Ruaidh a chur an cleachdadh riu. Ach tha da charaid mhath dhe’n t-seòrsa aige ann an so co-dhiubh agus ’s iad sin an t-Urramach Mr. Sinclair agus mo charaid caomh agus caoimhneil an t-Urramach Calum Caimbeul ann an Strath-Alba. Ach ’s tric a bhios mi smaointeachadh gu de a thainig air ar deagh charaid Bodachan a’ Ghàraidh a b’ àbhaist a bhi cho friogadach ’s cho frogadach, cho laghach, agus cho caoimhneil, a toirt dhuinn an dràst ’sa rithist litrichean cho sgiobalta a bha a toirt moran fiosrachaidh agus toilinntinn do ur luchd leughaidh. Thugaibh mo mhile beannachd dha, agus a cheud àite anns an tachair an cothrom orm òlaidh m i air a dheagh shlàinte. Tha iomadh caraid againn a b’ àbhaist a bhi sgriobhadh nach eil sinn a cluinntinn guth uapa. Tha mi fhein a sgriobhadh so le ite coilich-fhrangaich a fhuiar mi bho’m dheadh chairid Donachadh Crabhart, agus tha dochas agam ma chi e so gun cuir e a dh’iaraidh MHIC-TALLA gun dail, agus tha mi creidsinn gu’m faic, oir tha an deadh Ghaidheal agus am fior dhuine uasal a fuireach faisg air agus tha e faotainn MHIC-TALLA bho na thoisich e n toiseach agus se sin Iain G. Mac Leod. Tha mi a toirt taing dhut airson oran na piob thombaca a chur sa MHAC-TALLA; saoilidh mi gu bheil e gle laghach. Tha mi smaointeach gum bi mi stad aig an am so air eagal gum bi sibh uile fas sgith dhem fhaoineis, ’s mar sin bidh mi gabhail beannachd leibh fein agus ler luchd leabhaidh caideal air fad an la chi ’s nach fhaic. SEUMAS A. MAC-ILLEMHAOIL. Canada. Anns a’ bhliadhna 1842 labhair fear-sgriobhaidh ann an Cuairtear nan Gleann mu ’n dùthaich so mar a leanas. Tha moran de na bh’ air a radh leis cho fior an diugh ’sa bha e ’n uair sin. Gun teagamh rir bith ’s i so an dùthaich a’s freagaraiche do Ghàidheil dol, a tha ’cur rompa tìr an athraichean fhàgail. Cha’n eil cosnaiche slàn, fallain a tha eòlach air obair, agus toileach obair a dheanamh nach faod fearann saor a bhi aige dha féin ann am fìor bheagan bhliadhnachan, agus a bhi cho cothromach, socrach, ’s a ’s miann leis ged nach ’eil peighinn air a shiubhal, ma bheir e ’n aire dha féin; ’s ma tha e glic grunndail, faodaidh e chur cul a làimhe an ceann trì no ceithir a bhliadhnachan na chuireas ’n a chomas àite seasgar fhaotainn da féin agus a ràdh: “Tha mi nis air mo dhùnan féin agus feuch cò a chuireas dheth mi!” Iadsan aig nach ’eil airgiod r’ a thoirt leò, ach a tha ’dol a mach mar luchd-cosnaidh, chomhairlicheamaid iad a dh’fhalbh tràth ’s a’ bhliadhna, a’ cheud cosnadh math a thachras orra gabhail, iad a bhi foighidneach, seasmhach, fuireach ’n an luchd-oibre ’s ’n an sgalagaibh gus an tuig iad gu math nàdur an fhuinn, nàdur na dùthcha ’s an dòigh a’s feàrr gu cinneachadh, agus gu àite fhaotainn dhoibh féin. Tha sinn ’g a innseadh mar fhìrinn gu m’ bheil daoine ’s an duthaich sin aig nach robh aona pheighinn an latha ’chaidh iad air tìr gun sgoil gun ionnsachadh; ach stuama, riaghailteach, seasmhach, saothaireach, agus ann an ceann trì bliadhna, aig an robh leth-dusan mart, mucan, eunlaith agus a’ h-uile goireas a b’ urrainn doibh iarraidh. Ma thogras duine air bith an ainm fheòraich, bheir sinn daibh an ainm ’s an sloinneadh agus an t-àit’ as an d’fhalbh iad. Tha an sgeul “Suiridh Lachain Bhain,” a gheibhear air taobh eile air a toirt á leabhar a thatar a’ cur a mach le “Fionn” da’n ainm Leabhar na Ceilidh. [TD 90] [Vol. 6. No. 12. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. VIII. “A bhaintighearna,” ars’ an dara caladair a chum fios a thoirt dhut air an doigh tubaistich anns an do chaill mi mo shuil dheas, feumaidh mi eachdraidh ma bheatha innseadh o thoiseach gu deireadh. Is mac righ mise, agus cha robh mi ach gle og an uair a dh’ aithnich m’ athair gu’n robh moran tuigse air a bhuileachadh orm. Fhuair mi ard-fhoghlum; oir cha robh duine a b’ fhoghluimte na cheile anns an rioghachd aig m’ athair nach robh greis ’g am ionnsachadh. Cha bu luaithe a bha mi comasach air sgriobhadh is leughadh a dheanamh na dh’ ionnsaich mi air mo theangaidh a h-uile facal de ’n Choran o thoiseach gu deireadh. A chum gu’m bithinn comasach air teagasgan is earailean an leabhair mhath so a thuigsinn, leugh mi gu curamach gach leabhar-mineachaidh a sgriobh daoine foghluimte air. A bharrachd air so; leugh mi gach beul-aithris a bha air chuimhne mu thimchioll an fhaidh. Fhuair mi eolas mor mu gach seorsa foghlum eile air am biodh e feumail do mo leithid eolas is fiosrachadh ’fhaotainn. Ach os cionn gach ni eile, bha mi ainmeil air son cho math ’s a dheanainn sgriobhadh. Cha robh fear eile ri ’fhaotainn, ge mor am facal e, a dheanadh sgriobhadh a leith cho math rium. Cha b’ e mhain gu’n robh m’ ainm agus mo chliu fad’ is farsuinn air feadh na rioghachd aig m’ athair mar dhuine ro fhoghluimte, agus mar sgriobhadair math, ach chualas iomradh orm ann an luchairt righ nan Innsean. Bha toil mhor aig an righ chumhachdach so m’ fhaicinn agus chuir e teachdaire le tiodhlacan luachmhor far an robh m’ athair, agus dh’iarr e air m’ athair mise a leigeadh car uine do ’n luchairt aige. Bha m’ athair gle dheonach mo leigeadh air falbh. Bha fhios aige gu’n deanadh e feum mor dhomh am barrachd de’n t-saoghal ’fhaicinn, agus greis de ’n uine a chur seachad ann an cuirt righ nan Innsean. A bharrachd air so, bha toil aig m’ athair cairdeas a dheanamh suas ri righ nan Innsean gu h-araidh o ’n a bha e ’na righ mor cumhachdach. Dh’ fhalbh mi comhladh ris an teachdaire, ach o ’n a bha ’n t-astar araon fada agus doirbh ri ’dheanamh, cha d’ fhalbh comhladh ruinn ach beagan cuideachd. An uair a bha sinn dluth air mios air ar turus, air latha araidh chunnaic sinn buidheann mharcaichean a’ ’tighinn ’nar coinneamh. Mar a bha iad a tighinn ni bu dluithe dhuinn rinn sinn am mach gu’m bu robairean iad, agus gu’n robh mu leith cheud ann diubh. O nach robh againn ach deich eich luchdaichte le nithean a bha feumail dhuinn air son ar turuis, agus le tiodhlacan a bha m’ athair a’ cur a dh’ ionnsuidh an righ, agus o nach robh sinn ann ach beagan dhaoine, tha e furasda thuigsinn gu’n d’ fhuair na robairean lamh-an-uachdar oirnn ann an tiotadh. Ged a thuirt sinn riutha nach robh annainn ach teachdairean a bhuineadh do righ nan Innsean, cha tugadh iad urram no fathamus sam bith dhuinn. An aite sin, is am a thuirt iad ruinn ann an cainnt ladarna, “C’ar son a bheireamaid meas no urram do bhur righ?” Cha’n ann de ’sluagh sinn, agus cha mho a tha sinn air a chuid fearainn. An uair a thuirt iad so, chuartaich iad sinn, agus thoisich iad ri ar marbhadh. Bha mise ’gam dhion fhein cho fad ’s a b’ urrainn domh; ach an uair a lotadh gu h-olc mi, agus a chunnaic mi gu’n robh an teachdaire agus na daoine a bha maille ris ’nan sineadh marbh air an talamh, mharcaich mi air falbh le m’ bheatha cho luath ’s a dheanadh an t-each dhomh. Ged a bha an t-each air a lotadh cho math rium fhein, fhuair mi air falbh le m’ bheatha. Cha robh mi astar fad air falbh an uair a thuirt an t-each marbh fodham. An uair a chunnaic mi nach robh neach air mo thoir, thuig mi gu’m b’ fhearr leotha greim a dheanamh air a’ chreich na orm fhein. Bha mi ’nam onar anns an fhasach, agus mi leointe, agus gun duine agam a dheanadh an cuideachadh bu lugha leam. Cha robh de mhisnich agam na gabhadh an rathad mor, air eagal gu’n tachradh feadhain de na robairean rium. An uair a cheangail mi na lotan—agus gu fortanach cha robh iad cho dona ’s a shaoil mi—choisich mi re na bha romham de ’n latha gus an d’ rainig mi bonn beinnne anns a robh uamha do’n deachaidh mi steach. Chuir mi seachad an oidhche anns an uamhaidh, gun ghreim bidh ach beagan mheasan a bhuain mi air an t-slighe. Choisich mi romham re iomadh latha, ach cha robh aite-comhnuidh a’ tachairt rium. An ceann mios thainig mi gu baile mor a bha anabarrach maiseach, agus anns an robh moran sluaigh a’ gabhail comhnuidh. Bha mi ro thoilichte an uair a rainig mi e, agus dhichuimhich mi ann an tomhas mor am bron, an amhghair, agus an eis anns an robh mi. Bha m’ aghaidh, mo lamhan, agus mo chasan dubh le losgadh na greine; agus o ’n a bha mo bhrogan ’s mo stocainnean air caitheamh leis na rinn mi de choiseachd, b’ eiginnn domh a bhith ’falbh casruisgte. A bharrachd air so, bha na bh’ umam a dh’ aodach air a dhol ’na luideagan. Chaidh mi steach do’n bhaile feuch am faighinn am mach c’àite an robh, mi, agus an uair a bha mi ’coiseachd troimh ’n t-sraid, bhruidhinn mi ri taillear a bha ’na sheasamh ann an dorus a bhuthadh. Ged nach robh mi ach gle luideagach salach, truagh ann coltas, dh’ aithnich e gu’n robh mi air mo bhreith ’s air m’ arach ni b’ fhearr na shaoileadh daoine air mo choltas. Bhruidhinn e rium, agus dh’iarr e orm suidh. ’Na dheigh sin dh’ fheoraich e dhiom co as a thainig mi, agus gu de ’chuir do ’n bhaile mi. Dh’ innis mi dha gu saor, soilleir cò mi, agus gach cruaidh fhortan a thachair rium o ’n a dh’ fhalbh mi a luchairt m’ athar. Fhad ’s a bha mi ag innnsidh mo naigheachd dha, dh’ eisd e rium le deadh aire; ach an uair a chuir mi crioch air na bh’ agam ri radh, an aite comhfhurtachd a thoirt dhomh, is ann a mheudaich e mo bhron. “Thoir do cheart aire,” ars’ esan, “nach leig thu ris do neach sam bith co thu; oir tha naimhdeas ro mhor aig prionnsa na rioghachd so do d’athair agus faodaidh tu a bhith cinnteach gu’n dean e cion ort ma gheibh e fios gu’m bheil thu ’s a’ bhaile so.” Cha do chuir mi teagamh ’s am bith ann am briathaan an tailleir. Thug mi taing dha air son a chomhairle, agus thuirt mi ris gu’n robh mi deas gus a chomhairle a ghabhail ann an ni sam bith a chuireadh e fa m’ chomhair. O ’n a bha fhios aig gun robh an t-acras orm, dh’ ordaich e biadh a thoirt dhomh, agus anns a’ cheart am, thuirt e rium gu’m b’e mo bheatha fuireach comhladh ris fhein. Ghabh mi gu toileach an tairgse so. An ceann beagan laithean, an uair a chunnaic e gu’n robh mi an deis gach sgios is airsneul a bh’ orm an deigh mo thuruis fhada a chur dhiom, agus air dha fios a bhith aige gu’n robh clann righrean, mar bu trice, ag ionnsachadh ceairde leis am biodh iad comasach air iad fhein a chumail suas na’m b’ eiginn e, dh’ fheoraich e dhiom an d’ ionnsaich mi ceaird sam bith leis an rachadh agam air mo bheo-shlaint a chosnadh. Dh’ innis mi dha gu’n robh mi anabarrach ionnsaichte anns gach uile sheorsa foghlum; agus gu’n robh mi sonraichte math gu sgriobhadh. “Cha choisinn thu le d’ chuid foghlum,”’ ars esan, “na cheannaicheas do dhinneir dhut. Cha ’n ’eil ni a’s lugha air am bheil de mheas anns an duthaich so na foghlum. Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa cuiridh tu aodach fir-oibre ort, agus o ’n a tha coltas ort a bhith laidir, fallainn gu leor, theid thu do ’n choille a ghearradh connaidh. Gheibh thu deadh phris air, agus theid agad air thu fhein a chumail suas gun dragh a chur air duine eile gus an cuir am freasdal fortan a’s fhearr ’na do rathad. Bheir mi fheine dhut tuadh a ghearras am fiodh, agus sugan gus an t-eallach a cheangal.” Air an eagal gu’m faighteadh am mach co mi, agus a chum gu’n rachadh agam air mi fhein a chumail suas gun dragh a chur air neach eile, dh’ aontaich mi gu’n deanainn mar a chomhairlich e dhomh, ged a bha ’n obair trom agus taireil. An la-iar-na-mhaireach thug an taillear dhomh tuadh is sugan is cota goirid, agus dh’iarr a air na daoine bochda a bhiodh a’ gearradh an fhiodha an rathad ionnsachadh dhomh do ’n choille, agus a bhith caoimhneil, companta rium. Thug iad do ’n choille mi, agus an latha sin fhein ghearr mi de ’n fhiodh na choisinn leith buinn oir dhomh. Ged nach robh a’ choille fad’ o ’n bhaile, gidheadh o nach robh [TD 91] [Vol. 6. No. 12. p. 3] moran dhaoine a’ dol a ghearradh connaidh innte, bha e gann gu leor anns a’ bhaile, agus mar sin, bha sinn a’ dheanamh deadh thuarasdail a h-uile latha. An uine ghoirid choisinn mi suim mhath airgid, agus phaigh mi do’n taillear gach ni e thug e dhomh. Lean mi air an obair so fad bliadhna. Air latha araid thachair dhomh a dhol ni b’ fhaide steach do’n choille na b’ abhaist domh. Thoisich mi ri gearradh craoibhe; agus an uair a bha mi ’feuchainn ris a’ bhun aice a spionadh as an talamh, thug mi an aire gu’n robh dorus-falaich foidhpe. Ghlan mi air falbh an uir, agus an uair a dh’ fhosgail mi e, chunnaic mi staidhre fodha. Ghabh mi sios an staidhre so, agus an tuadh ’nam laimh, An uair a rainig mi a bonn, fhùair mi mi-fhein ann an luchairt mhoir. Ghabh mi uamhas an uair a chunnaic mi gu’n robh i cho soilleir le solus dealrach ’s ged a bhiodh i air uachdar na talmhainn. Ghabh mi ceum air cheum air aghart troimh ’n luchairt agus chunnaic mi bean-uasal cho briagha ’s a chunnaic mo shuil riamh a’ coiseachd ’nam choinneamh. Cha b’ urrainn mi mo shuil a thogail dhith. Rinn mi cabhag gus a coinneachadh; agus an uair a chrom mi a thoirt umhlachd dhi, thuirt i, “Co thusa? An e duine no fathach a th’ annad?” “A bhaintighearna,” arsa mise, “is duine mi da rireadh; cha ’n ’eil co-chomunn sam bith agam ris na fathaich.” Tharruinn i osna throm agus thuirt i, “Cia mar air an t-saoghal a thainig tu do ’n aite so. Tha coig bliadhna fichead o ’n a thainig mise a dh’ fhuireach do’n aite so, agus cha’n fhaca mi duine anns an uine sin ach thu fhein.” (Ri leantuinn.) Gnothaichean an t-Saoghail. Tha mi-riaghailt, ’us upraid, ’us aramach nach eil faoin am measg an t-saoghail aig an àm so. Is e cuibhrionn gasda, farsuing, beartach de ’n talamh gu leir a tha ann an America mu dheas. Tha iomadh rioghachd anns a’ mhor-roinn so. Is ann aig na Spaintich a bha ’cheud eòlas air a mhor-roinn so, ’us is ann doibhsan a bhuineadh a cheud oidheirp air laghannan direach, ceart, a thabhairt do na daoine ’tha ’tuineachadh ann an comhnardan torrach, leathainn, agus am measg sliosan ’us sleibhtean na tire sin, grianach, sultmhor, dreachmhor, mar a tha i. Bu latha bronach, duaichni do America mu dheas, an latha anns an d’ fhuair na Spaintich ughdarras co mor innte, oir is ro-bhochd eachdraidh nan Spainteach ann an America gu leir. Sluagh feineil, ardanach, uaibhreach, gun tuaiream, gun toinisg, a tha riamh annta. An drasd agus a rithist tha aramach fuileachdach ann an rioghachd eiginn a bhuineas do America mu dheas. Tha’n luchd-riaghlaidh air am marbhadh no air an tionndadh a mach. Tha dealas ’us dichioll na dùthcha air an stad. Cha ’n ei sith no tearuinteachd do neach air bith an uair a tha ’n rioghachd cosmhuil ris a’ chuan bheucach air a luasgadh ’s air a liodairt a null agus a nall le feachdan guineach, lionmhor. Cha bhi cothrom ceart aig America mu dheas air gniomharan foghainteach a dheanamh, gus am faigh i luchd-riaghlaidh glice, tapaidh, duineil, seasmhach, agus gus am bi beatha gach duine tearuinte, ’us ceartas ’us firinteachd air an cumail suas gu gaisgeil, durachdach. Is e eilean laghach, torrach a tha ann an Cuba. Buinidh e do na Spaintich; agus is iomadh spairn, ’us cruadal, ’us dortadh fola ’bha eadar na Cubanaich agus na Spaintich. O cheann da no tri bhliadhnaichean tha upraid ’us othail mhuladach anns an eilean. Tha ’n t-eilean ann an tomhas mor air a mhilleadh. Tha fearg eagalach air na Cubanaich, agus tha iad a’ dol g’ an dubhlan airson crioch a chur gu brath air uachdaranachd mosach, neo-cheanalta nan Spainteach. Cha ’n eil e furasda beachd chinnteach a thabhairt ciamar a theid a’ chomhstri ann an Cuba. Tha ar coimhearsnaich, na Stàitean, daonnan deigheil air farum uamhasach a dheanamh agus air guth ard, peasanach a thogail ann an ceistean cudthromach an t-saoghail gu leir. Is àluinn, agus is foghainteach, agus is suilbhir da rireadh, an dùthaich a’ tha deanadh suas na Stàitean. Is e daoine tapaidh, innleachdach mar an ceudna tha ’gabhail comhnuidh anns na Stàitean. Nam bitheadh daoine pongail, tuigseach, stuama, daonnan a’ stiuiradh na luinge, bhitheadh cisean na dùthcha lionmhor. Bhitheadh e comasach di gach fiach a phaigheadh gun dragh air bith. Bhitheadh moran ionmhais gach latha ann an sporran luachmhor na tire. Bhitheadh i ’sealbhachadh, mar bu choir dhi, aite urramach, uasal, onarach, am measg rioghachdan na talmhuinn. Bhitheadh i ’togail a guth gu duineil, dana, firinneach, as leth a’ cheartais agus air ioma cuis o eirigh gu luidhe na greine. Gu cinnteach cha ’n eil aobhar sonruichte air bith againn ann an Canada ’bhi ’taingeil do na Stàitean airson cairdeis no caoimhneis no coimhearsnachd ghasda air bith a nochd iad riamh dhuinn. An uair a ghabhas sinn beachd air na laithean a dh’ aom, chi sinn le mulad mor gu ’n d’ fhuair iad a’ chuid a b’ fhearr ann an iomadh cordadh ’us reiteachadh a bha eadar Breatunn agus iad fein, mu dheibhinn fearainn ’us nithean eile ’bhuineadh ann an tomhas mor do Chanada. Nam bitheadh luchd-comhairle Bhreatuinn daonnan eolach, ’us dileas, ’us duineil mar bu choir doibh a bhi, bhitheadh againn an diugh ann an criochan farsuing Chanada, Maine, a tha ri taobh a’ chuain, agus iomadh stàit bheartach, thorrach, àillidh, ann an airde ’n iar America mu thuath. Tha deigh mhor aig luchd-riaghlaidh air a bhi bagrach, air a bhi ’labhairt ann am briathran fuaimneach, agus air a bhi ’cumail a mach gur iadsan na daoine ’s modha gliocais, ’us onoir, ’us tapaidh, ’us ceartais a chunnaic an saoghal riamh. Ma tha Canada ’soirbheachadh gu maith, cha ’n eil ach gle bheagan buidheachas againn ri ’thabhairt do na Stàitean. Tha i do gnath dichiollach ann a bhi ’togail balla mor eadar iad fein agus sinne, balla chumas uainn gach comas air maith air bith fhaotainn bho mhargaidhean nan Stàitean. Cha leig iad do luchd-ceirde dol o Chanada ’dheanamh obair air bith anns na Stàitean. Cha ’n ann idir air doigh uasal, bhòidheach, a’s àbhaist doibh luach nan ron ’s an eisg a phaigheadh. Is ann gu carach, lubach, a’s gnath leo beachdan daoine foghluimte ’s onarach a chomhlianadh gu ceart. Tha iad a’ deanamh moran aimhreit mu dheibhinn nan ron anns a’ chuan fharsuing a tha air taobh eile na dùthcha. Fhuair iad moran airgid airson nan lochdan eagalach, mar bhios iad fein ag radh, a rinn an Alabama orra am feadh a bha iad fein agus na Stàitean mu dheas a gleachd agus a’ dortadh am mach am fola mar uisge na h-aimhne. Airson lochdan na h-Alabama fhuair iad fichead uaire tuille a ’s a bu choir doibh fhaotainn. Carson nach d’ thug iad air ais do Bhreatunn an t-airgid air nach b’ urrainn doibh coir a dhearbhadh Carson a tha iad a’ gleidheadh, mar ni na meirlich airgiod nach buin idir doibh: airgiod a bhuineas do Bhreatunn: airgiod nach bu choir doibh riamh fhaotainn agus nach fhaigheadh iad, nam bitheadh luchd-riaghlaidh Bhreatuinn aig an àm anns an robh gniomharan olca na h-Alabama ann am beul nan Stàitean mu thuath, duineil, curanta, neo-sgathach agus fior-eudmhor mar a bu choir doibh a bhi anns gach àm agus anns gach deuchainn ’us cogadh ’us aimhreit. CONA. Bha saor ann am baile Ghlaschu aon uair agus ged nach robh e ’na dhuine leisg, cha robh e cho toigheach air obair agus a dh’ fhaodadh e a bhi. B’àbhaist da a bhi fadalach gach maduinn ach a dh’aindeòin sin b’e an ciad dhuine a sguireadh de obair nuair a bhitheadh an clag air a bhualadh anns an fheasgair. Aon mhaduinn bha e ni b’fhaide air dheireadh na b’àbhaist da ach nuair a thàinig am feasgar b’e an ciad fhear a chuir a chota uime. Cha b’urrainn do ’mhaighistir cur suas le so agus ghlaodh a ris. “Sheumais! is i mo bheachdsa nach ’eil e iomchuidh dut a bhi a’ sgur de obair cho fior luath, oir cha robh thu cho ealamh gu toiseachadh ’sa mhaduinn.” “A dhuine!” arsa Seumas, “tha mi cinnteach nach bu mhath leat, mi a bhi air dheireadh aig dà cheann an latha.” Bha fear-turuis Sasunnach ann an Cataobh an uiridh agus mar is àbhaist do a luchd-dùthcha uile, bha e smeachrannachd ri nithe nach do bhuin da. Bha e gabhail sgriob aon latha agus thachair e air caileag a bha siubhal an ràthaid cas rùisgte, agus thuirt e rithe, “An àbhaist do mhuintir na dùthcha so a bhi dol cas ruisgte? “Is àbhaist, uairean,” fhreagair a’ chailin, “agus uairean eile tha iad a’toirt aire do an gnothachan fein.” [TD 92] [Vol. 6. No. 12. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 17 SEPTEMBER, 1897. Tha exhibition gu bhi ann a’ Halifacs deireadh a mhios so, a’ fosgladh air an 29mh latha. Tha ’n exhibition bhliadhnail gu bhi ann an Charlottetown an t-seachdain roimhe sin. Cosgaidh e barrachd mor do dhuine dhol á Sidni gu Halifacs na dhol gu Charlottetown, ged a tha sin gle neònach. Gheibhear a’ Sidni gu Charlottetown ’s air ais air son ceithir dolair gu leth. Tha cuid de phaipearan an eilean so ag radh nach eil muinntir Halifax a toirt ceartas do Cheap Breatunn anns an dòigh sin, agus a tha iad a’ comhairleachadh d’an luchd-leughaidh a dhol gu féill Eilean a’ Phrionnsa. Cha’n eil teagamh againn nach gabh àireamh mhath an comhairle. Bha Sir Wilfred Laurier, Priomhair Chanada, ann an St. John, N. B., air an t-seachdain so, agus muinntir a bhaile sin, mar a rinn muinntir bhailtean eile, a deanamh othail mhor ris. Fhuair e cuireadh a dhol gu Halifacs, ach cha b’urrainn da a dhol ann air an turus so. Ann an òraid a liubhair e ann an St. John, thuirt e gu robh e, o’n dh’fhalbh e toiseach an t-samhraidh, ann am Breatunn, anns an Fhraing, ’s anns an Eadailt, ach ’na uile shiubhal nach fhac’ e dùthaich a’ b’fhearr leis na anns am bu docha leis a bhi còmhnuidh na ann an Canada. Tha Sir Wilfred ’na òraidiche math, agus tha tlachd mor aig sluagh a bhi ’ga éisdeachd. Chaidh an inneal a bha cumail an t-soluis ris a’ bhaile air aimhreit toiseach na seachdain so, agus dh’ fhàg sin daoine a’ siubhal anns an dorchadas fad thri no ceithir a dh’ oidhcheannan. Bha na sràidean gun solus idir, agus cha robh na taighean moran na b’ fhearr dheth. Chaidh pàirt de’n inneal a chur air falbh gu bhi air a chàradh, agus thainig a air ais oidhche Dìor-daoin. Bidh an solus cho math an nochd ’sa b’àbhaist da bhi. Tha an t-àr-a-mach a dol air adhart anns na h-Innsean fhathast, ach tha na blàir a thatar a’ cur a’ dol an aghaidh nan ceannairceach. Tha iad ag radh gur h-e dh’ aobharaich a cheannairc gu bheil na nàisinnich a meas gleann àraidh air ’n do ghabh na Breatunnaich seilbh mar àite naomh, agus gu robh iad uime sin an aghaidh sluagh sam bith nach robh de ’n creud fhéin a bhi ann. Is Mahomedanaich iad, agus bha iad sin riamh ainmeil air son a bhi nochdadh an eud d’an creideamh leis a’ chlaidheamh. Tha cuid a’ meas gu’n cosg e coig muilleanan deug dolair do Bhreatuinn a’ cheannairc a chur fodha. Air son sith agus sàmhchair a dheanamh cinnteach tha baile Halifacs ag iarraidh ceithir fichead ’sa sia de mhaoir-sithe fhad ’sa bhios an t-exhibition ann. Leig an luchd-riaghlaidh fios gu robh an àireamh sin a dhith ona Di-luain s’a chaidh, agus Di-mairt bha mu thri cheud duine air am beulaobh ag iarraidh fastaidh. Feumaidh gu bheil moran ’nan tàmh anns a’ bhaile. Ann an Sidni, aig àm na h-Iubili, theab fairthleachadh orra deich no dusan duine fhaotainn a ghabhadh orra fhéin a bhi ’nam maoir-sithe ged a bha deagh thuarasdal air a thairgse dhaibh. Chaidh tigh ann a’ Halifacs, anns an robh A. M. Bell & Co., ri ceannachd, na theine Di-sathairne s’a chaidh. B’fhiach na bh’ann de bhathar mu shia mile deug air fhichead dolair, agus chaidh a losgadh air fad. Eadar sin agus na rinneadh de mhilleadh air an tigh fhéin, thatar a’ meas gu’n do chailleadh fiach leth-cheud mile dolair. Bha mu shia mile deug air fhichead de dh’ airgead-urrais air an tigh ’s air na bh’ann. Bha latha mor aca ann an Truro Di-màirt. Bha iad a’ cumail co-ainm an latha air an d’ thainig a’ cheud luchd-àiteachaidh d’an t-siorrachd, agus mar an ceudna Iubili na Ban-righ’nn. Bha an latha dorcha, fliuch, ach a dh’aindeoin sin, chaidh gach ni air adhart gu math, agus cha robh aithreachas sam bith orra air son Iubili na Ban-righ’nn a chumail cho fad air deireadh air a’ chuid eile dhe’n t-saoghal. Tha ’n Klondike a’ sior tharruinn dhaoine air falbh as gach àite, agus tha ’chuid mhor dhiubh nach gabh rabhadh no comhairle, ach a dh’fhalbhas a dh’aindeoin ciod a thachras dhaibh. Tha iad-san a tha falbh mar sin a’ smaoineachadh a mhàin air an òr, ach tha iad-san a tha tilleadh a toirt iomradh air na cruadalan ’s na deuchainnean troimh ’n robh aca ri dhol a falbh ’sa tilleadh. Gheibhear ainmean na muinntir a phàigh anns an àireamh so. Ma rinn sinn dearmad air neach sam bith, cuireadh e fios ugainn, Am faca tu sa d’ainn fhéin anns a’ phaipeir o chionn ghoirid? Am bu chòir dhuit fhaicinn ann? Na dean dearmad air do dhleasanas na’s fhaide mur d’rinn thu e cheana. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 93] [Vol. 6. No. 12. p. 5] NAIDHEACHDAN. Thatar a’ cur eaglais ùr Chaitliceadh suas ann am Mabou. Tha i nise teannadh ri bhi ullamh, agus tha i gu bhi air aon de na h-eaglaisean a’s briagha th’ air an eilean. Chaidh a’ bhreac a chur air coig mile fichead duine ann am Montreal o chionn mios no dha air ais. Ghabh iad aon uair an t-eagal gu robh a’ bhreac a’ dol a sgaoileadh air feadh a’ bhaile, ach tha i nise air a casg gu math. Shil roinn mhath uisge o chionn seachdain, agus bha àiteachan a bha gle fheumach air. An turadh a bh’ ann o chionn àireamh sheachdainean rinn e na tobraichean ’s na fuarain a thiormachadh air dhòigh ’s gu robh iomadh neach éiseil le cion uisge. Tha làn chead aig daoine nise air a bhi ’glacadh nan eisirean ’s a’ marbhadh nan cearcan-tomain. Bha an t-am anns nach faodte sin a dheanamh suas Di-ciaduin. Thatar ag radh gu bheil na cearcan-tomain gu math gann an Ceap Breatunn air an fhoghar so, ach tha na h-eisirean pailt gu leòr. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil Iarla Obaraidhean agus a Bhan-Iarla dol a thighinn do Cheap Breatunn air a cheud seachdain de dh’ October, agus gu’m bi iad ann fad dha no tri lathaichean. Cha’n eil teagamh againn nach cuir muinntir an eilean so fàilte chridheil orra. Thatar ag radh gu bheileas an deigh gual fhaotainn ann an àite no dha an Ontario, ach tha moran nach eil a thoirt moran creideis dha. Tha muinntir Ontario an dràsda faotainn an cuid guail as na Stàitean agus bu mhath an ni do’n mhor-roinn sin na faighte gual math innte fhéin. Bha Sasunnach òg d’an ainn Alfred Lyle ag obair còmhla ri tuathanach ann an Ontario o chionn beagan ùine air ais air tuarasdal na bu lugha na dolair ’s an latha. An la roimhe fhuair e fios gu robh dileab air a fàgail aige ann an Sasuinn a b’ fhiach tri cheud gu leth mile dolair. Chaidh fear Mac Coinnich, a mhuinntir siorrachd Cholchester, air chall anns a’ choille faisg air Lepreaux, N. B., agus bha e mar sin bho Dhi-haoine gus an ath Dhi-ciaduin. Bha e air a chlaoidh gu mor leis an sgios ’s leis an acras ’nuair a fhuaireadh e. Chaidh a chur dh’ an ospadal, agus tha e ’dol am feabhas. Tha Sinagog Iùdhach ann am baile Halifax, ach a reir sgeòil cha’n eil iad á faotainn air adhart innte ach gu h-aimhreiteach. Tha iad air uaireannan a’ dol o throd gu buillean, agus tha aon de na phaipearan a ag radh ged nach eil na h-Iùdhaich gle lionmhor anns a bhaile sin gur math is aithne dhaibh sabaid. Chuir àireamh a mhuinntir Cheap Nòr a tha ann am Boston, airgead cruinn o chionn ghoirid a cheannach tri seithrichean briagha do chùbaid na h-eaglais anns an robh iad ag aoradh ’nan cloinn agus anns am bheil an càirdean aig an tigh a’ deanamh sin fhathast. ’S math an ni a rinn iad: tha e ’na dheagh chomharradh air feadhain a dh’ fhàg an dùthaich a bhi cho cuimhneach air na dh’ fhàg iad as an deigh. Is còir do na tuathanaich aig am bi am buntàta gu math a bhi gle chùramach uime, oir tha e gu bhi gann air a’ bhliadhna so, agus bidh a phris na’s àirde na bha i o chionn bhliadhnaichean. Ann an Ontario, agus an àiteachan eile, tha an grodadh air tigh’nn ann, agus a cur as da gu mor. Tha e air tòiseachadh ann an Nobha Scotia cuideachd, agus tha e coltàch gu’m bi e gann gu leòr an sin. Cha chuala sinn ciamar a tha e air Eelean a’ Phrionnsa, ach se ’s dòcha nuair a tha ’n grodadh an àiteachan eile gu’m bi e an sin cuideachd. ’N uair a rinneadh morair de Shir Domhnull Smith aig àm na h-Iubili, dh’ fhàgadh taghadh ainme aige fhéin, agus cha do rinn e sinn gus o chionn ghoirid. Theirear ris a nise “Morair Strathchomhainn agus na Beinne Rioghail,” ainm a tha cho fada ’s gu foghainn e. Tha Strathchomhainn, mar a dh’ innis “Gleann-a-Bhàird” dhuinn, air oighreachd Shir Dhomhnuill ’s an t-seann dùthaich, agus ’s i Bheinn Rioghail a’ bheinn a tha air cùl Mhontreal, baile anns ’n do chuir Sir Domhnull seachad iomadh bliadhna de ’bheatha. Chaidh dithis dhaoine, Iain Mac Fhearghais agus Murchadh Domhnullach a bhàthach a mach á Fourchu air an t-seachdamh latha dhe’n mhios so. Bha iad fhéin us fear eile, Iain Severance, a mach ann am bàt-iasgaich, agus chaidh a chur thairis, ’s lion e le uisge. Fhuair Severance greimeachadh ris na ràimh gus an d’ thainig soitheach an rathad a thog e. Dh’fheuch an Domhnullach ri snàmh gu tir, ach bha ’mhuir cho garbh ’s gun deach e fodha an ùine gle ghoirid. Lean Mac Fhearghais ris na raimh cho fad ’sa b’ urrainn da, ach dh’ fhàs a chuid aodaich cho trom ’s gun deach e fodha. Fhuaireadh litir o chionn ghoirid o Domhnull Mac Neacail, a bha còmhla ri triùir no cheathear eile mhuinntir Cheap Breatunn air an t-slighe gu Klondike. Bha litir anns na paipearan-naigheachd roimhe o fhear Mac Neill a bha ’sa chuideachd chreudna, ach bha iad an uair sin fada bho’n ceann-uidhe. Nuair a sgriobhadh litir Mhic Neacail, air an dana latha deug de Iùlaidh, cha robh iad ach mu cheud mile bho’n àite, agus bha a’ chuid bu mhiosa dhe’n t-slighe seachad. Thachair sgioba orra a bha fàgail na dùthcha agus ’s iad sin a thug an litir air adhart gu aite ’san robh posta ruith. Thug iad misneachd mhath dhaibh mu ’n àite dh’ an robh iad a’ dol, ’s ged fhuair iad anradh us sàrachadh gu leòr air an turus, bha iad an dùil gu’m bu mhath a phàigheadh e dhaibh a dol ann. Bha iad an uair a sgriobhadh an litir air an amhuinn a direadh gu Klondike. Buinidh Mac Neacail agus dithis eile tha ’sa chuideachd, Domhnull agus Alasdair Mac Fhionghain, do Roseburn, faisg air Hogamah, agus tha iad o chionn àireamh bhliadhnaichean ann an Columbia Bhreatunnaich. Buinidh Mac Neill do na Narrows Mhor. Iadsan a Phaigh. Uisdean Mac Suinn, Bridgeport, $2.00 A. D. Mac Suinn, Glascho, C. B, Bean Raonuill Dhomhnullaich, M. B. Road, An t-Urr-Alasdair Ros, Hogamah, $2.00 Domhnull A. Smith, an Beighe ’n Iar, Seumas A. Camaran, Amaguadus, $1.50 Domhnull Johnstone, Leitche’s Creek. Ruairidh Mac Neill, Glace Bay. Seumas Patterson, Forks, Shidni. A. J. Mac Fhearghais, Caribou Marsh. E. D. Nic Amhlaidh, T. D. Amhuinn Dhennis. Steaphain Mac Neill, Cobh-a-Bheabheir, Iain M. Mac Gilleain, Scotsville. Niall Mac Gillean, Fourchu. Iain I. Gillios, Meadows. Cailein D. Siosal, Long Point, 50c. Calum Mac Mhannain, Braidalbainn E. P. I, $2.00 Alasdair Peutan, Flat River, E. P. I. An t-Urr I. R. MacLeoid, Three Rivers, Que. $2.00 Alasdair Mac Amhlaidh, Waipu, New Zealand. Iain Mac-a-Bhiocair, Rescue, Mich. A. M. Moireastan, Boston, Mass, $3.00 Mrs. C. B. Fox, Boston, Mass, Bean Alasdair Rois, Somerset, Mass. D. K. Domhnullach, Springhill, Que. $2.00 Eoghan Mac Gilleain, Eelean Phictou, N. S., $2.00 Aonghas Mac Aonghais, Georgeville, N. S. D. Mac Cuaig, Abbottsford, B. C. Eoghan Mac-a-Phearsain, Trascati, ’san Eadailt, Alasdair Peutan, Quesnelle, B. C. Padruig Mac Gilleain, ’cul Eeiean Christmas. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .30 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 94] [Vol. 6. No. 12. p. 6] Suiridh Lachainn Bhain. Tha ’n duine pongail sin Lachann Bàn cho malda athach ’na dhòigh, ’s gun rachadh e anns na frògan seach éisdeachd ri trod no cath-labhar. Bha e riamh mar so, agus ’n uair a phòs e bha e na ioghnadh mor anns na sgireachdan mu ’n cuairt ciamar a fhuair e de mhisneach na dh’ iarr gealladh posaidh ’o Mhàiri Nic Ealair, am boirionnach gleusda deandach a th’ aige nis mar mhnaoi. Tha e bh’ uam innseadh dhuibh ciamar a thachair a’ chùis: Bha Lachann Bàn anns a’ Bhail’-iochdrach o’n is cuimhne leamsa. Bliadhna ’bha sud chaill e beothach eich a bh’ aige ann am bac-mòna agus bha e air a chuir-thuige gu math mor le ’challdach. Cha b’e uile gu léir luach an eich a bha e ’caoidh, ach cha robh fhios ro mhath aige c’àite ’m faigheadh e each eile a fhreagaradh dha cho math. Latha bha sin, thuit da bruidhinn ris a’ ghobhainn mu ’n chùis agus ’s e ’n fhreagairt a fhuair e—“Ma ta, na ’m bu mhis’ thusa chaidh mi nunn do ’n Chnoc a nochd fhein agus bruidhinnean ri Eòghan MacEalair mu’n làir bhig dhuinn a th’ aigesan. Bha e ’g innseadh dhomh an latha roimhe gu ’n robh i pailte aotrom airson obair-san, agus gu ’n robh e ’m beachd a reic. ’S e beothachan beag, beothail a th’ innte agus ’s e mo bheachd gu ’m bitheadh i fuasach freagarach air do shon-sa, a Lachainn. Tha agam fhéin ri dol rathad a’ Chnuic tràth-fheasgair, agus ma thogaras tu innsidh mi do Fhear-a’-Chnuic gu ’n taghail thu air mu bheul na h-oidhche, agus rùn do thurais.” “Fhir mo chridhe,” arsa Lachann ris a’ ghobhainn, “bithidh mi fuasach fada ann ad chomain ma ni thu sin. A bheil fhios agad gu ’n robh mi fhéin a’ smaoineachadh air a’ cheart bheothachan eich sin, ach tha mi air mo chlaoidh cho mor leis na coimhearsnaich mu Mhàiri Nic Ealair anns a’ Cnoc—ged nach dubhairt mi facal riamh rithe mur do mhol mi ’n latha ’san dol seachad—gu ’m b’ fhearr leam rud cuimseach a dheanamh na dol rathad a’ Chnuic mur biodh leisgeul math agam a dhol ann.” Tha ’n gobhainn mar tha fhios agaibh làn phratan ’us feala-dhà agus d’ e rinn e ach dol an Chnoc, agus innsear do Fhear-a’-Chnuic gu ’n do chuir Lachann Bàn a nios e a dh’aon obair a’ dh’innseadh dha gu robh e ri tighinn ’san fheasgar a shireadh Màiri a nighean, agus gu ’n robh e ’n dochas gu ’m beachdaicheadh e air a’ chùis gus a sin, agus gu’m biodh a fhreagairt deas ’n uair a thigeadh e. Chaidh fàilte ’us furan a chur air a’ ghobhainn. Thug iad a stigh e ’s cha robh ni bha ’stigh tuillidh is math air a shon. “’S e gille glan, pongail, cùramach a th’ ann an Lachann Bàn,” arsa Fear-a’-Chnuic ri Seumas Gobhainn, “agus ’s e ’bheatha tighinn a so a dh’ iarraidh mo nighean. Ged a bhiodh ciad nighean agam an àite a h-aon cha ’n iarrainn té ’sam bith dhiu pòsda ri fear a b’ fhearr na Lachann Bàn—sàr-mhac an deagh athar.” ’Nuair a bha an latha air ciaradh, ’sam feasgar air fàs gu math dorcha, thilg Lachann Bàn a bhreacan thar a ghualainn agus shèap a suas an rathad cùil a dh’ ionnsuidh a’ Chnuic. Chunnaic bean Eòghain ’ic Ealair e ’tighinn agus chaidh i thun an doruis na choinneamh ’s chuir i fàilte chridheil air, agus sheòl i sios an t-seòmar e, far an robh Fear-a’-Chnuic ’ga gharadh fein ri griosaich de theine mòna, agus e gu foighidinneach a’ feitheamh a thighinn. An deigh dhoibh a bhi tacan a seanachas mu ’n aimsir, mu phrisean spréidh, mu ’n ghalar a bha ’s a’ bhuntàta agus cùisean cudthromach eile, dh’ fheuch Lachann Bàn ri tighinn a dh’ ionnsuidh rùn a thurais ag radh—“Tha mi cinnteach gu ’n d’ innis an gobhainn duibh gu ’n robh mi tighinn a nios a nochd, agus ciod a bha ’g am thabhairt?” “Rinn e sin,” arsa Fear-a’-Chnuic, “agus faodaidh mi innseadh dhuit gu ’n robh mi fhéin agus bean-an-tighe a bruidhinn mu ’n tainig thu, agus tha sinn le chéile togarrach, toilichte.” “’S ro-mhath leam sin,” arsa Lachann Bàn, “oir a dh’ innseadh na firinn dhuibh bha mo shùil innte ’o chionn ghreis a nis. Tha i ro bhòidheach, agus ciùin cneasda ’na doigh, agus tha ’n gobhainn ag ràdh gu ’n dean i gach gnè obair a theid a chur m’a coinneamh.” “Ged is leam fhéin i, a Lachainn,” arsa Fear-a’-Chnuic, “’s cha bu mhi a bu chòir a ràdh, tha i cho math ’s a tha i boidheach—cha ’n eil ann am bòidhchead ach blàth faoin a sheargas, agus tha mi toilichte fhaicinn nach ann air sgàth a h-àilleachd a mhàin a tha thu ’n tòir oirre, ach gu bheil thu ag amharc ri buadhan a’s airde na sin. Dh’ ainmich thu gu ’n robh i math air obair, agus their mi so, gu ’n robh i ’na cuideachadh ’s ’na còmhnadh mor dhuinn ann an ioma dòigh. Tha i ’n sin agus cha dh’fheum i riamh an darna greasadh mu ni a caaidh riamh a chur m’a coinneamh—’sinn a dh’ ionndrainneas i.” “’S e mo bheachd gu bheil i slàn, gun mheang,” arsa Lachann, “agus cha ’n eil i sean, oir tha cuimhne mhath agam fhéin ’n uair a fhuair sibh i, agus”— “Theagamh gu bheil i òg gu leòir,” arsa Fear-a’-Chnuic, “ach cha ’n eil an sin ach coire a bhios ’ga fàgail gach bliadhna, agus cha ’n e a h-uile latha a thig Lachann Bàn an so air a leithid de thurus.” Bha iad le chéile sàmhach car tacan an deigh so. Bha Lachainn ’s e ’cluich leis a’ bhad dhearg a bha ’na bhoinead. Mu dheireadh thall, thuirt esan, ’s e togail a chinn, “’S ’de nis a bhios sibh ag iarraidh oirre, ’Eoghain?” Ag iarraidh oirre ’Lachainn; na bi bruidhinn air ni de’n t-seòrsa sin, a ghaol a’ mhathais; ged a tha meas a’s airde agam ort a chionn ’s nach biodh tu a talach ged a dh’ fheumadh tu a ceannach mar a rinn Iacob air a mhnaoi-san; oir tha e ’leigeil ris gu bheil thu an geall oirre air a sgàth fein, a mhàin. Ach cha ’n ann mar sin a bhitheas idir a Lachainn. An àite a bhi ag iarraidh rud ‘oirre’ ’s ann a rinn sinn a suas ar n-inntinn gur ann a bheireadh mid’ rud ‘leatha,’ ’s cha rud suarach—ged nach abair sinn a nochd ’de na bhitheas ann.” Chuir so Lachunn air a bhonnaibh agus bha e mar fhear a chitheadh tannasg. Ged a bha e ’an comain Fear-a’-Chnuic airson a leithid do thairgse suilbhir, cha leigeadh an uaill ’s an t-àrdan leis a ghabhail, ’s mu dheireadh fhreagair e— “Eoghain ’ic Ealair, cha bhi mi ri spleadhairich cainnte uair air bith, ach tha mi daonnan a’ ciallachadh na tha mi ag ràdh, agus cho fior ’sa tha mi ’n so cha ’n urrainn dhomh do thairgse measarra a ghabhail. Cha ’n eil a bheag de ’n t-saoghal agam mar tha fhios agad, ach bheir mi dhuit oirre fichead punnd Sasunnach ann ad bhois, ’s cha ’n iarr ’s cha ghabh mi leatha ach slat no dha de sheann taod a bheir dhachaidh leam i.” “Dean suidhe a Lachainn;. dean suidhe mo dhuine math ’s na toisichimid air cònnsachadh mu’n ‘tochar;’ ach a dhuine chridhe ’de chuir ‘taod’ ’ad bheachd?” Dh’ fhaodadh Lachann fheòraich ciod e thug air a bhi bruidhinn mu ‘thochar’ ach bha cheann a dol ’na bhreislich ’s cha robh fhios aige ciod a theireadh e. Mu dheireadh an deigh dha meòrachadh tacan thuirt e—“Dh’ fhaodadh mid an lanndair a ghabhail agus dol a mach ’ga faicinn, agus theagamh an deigh sin gu ’n tig sinn gu còrdadh mu ’timchioll.” “Cha ’n eil feum ’sam bith air dol a mach a Lachainn—tha i shuas an staidhir ma ’s math mo bheachd.” Bha Lachann a smaointeachadh gu’m bu neònach au t-àite sin airson na làir dhuinn, ach mu ’n robh ùine aige air facal a radh, chaidh am bodach thun an doruis agus ghlaodh e—“A Mhàiri! ’Mhàiri! thig a so mo chaileag.” Thàinig Màiri a stigh cho sèimh aithiseach ’s ged ’bhiodh corp anns an t-seòmar, ’s rudha air a’ gruaidh le nàire. “So agad Lachann Bàn,” aasa Fear-a’-Chnuic ’s e ’bruidhinn ri Màiri, “tha mi cinnteach gu ’n robh do mhàthair ag innseadh dhuit ’dé chuir a so e.” (Bha Lachann an impis leaghadh leis an nàire, ’s a’ chridhe ’ga fhàgail). “Ged nach do rinn sibh riamh a bheag do shuiridh, tha sibh eolach air a chéile o’n a bha sibh ’nar cloinn, cha ’n eil eagal orm nach tig sibh air a chéile gu gasda. Tha Lachann ag ràdh gu bheil a chridhe an geall ort a Mhàiri; a bheil thusa ma ta, toileach?” Fhreagair i gu malda, “Tha,” agus chuir so Lachann ann an deargan fiabhruis. Bha e faireachduinn mar gu ’m biodh sgeap sheillean ’na cheann. Thuit a bhoineid as a laimh agus sheas e cho stolda ri bean Lot, ’n uair a chaidh a deanamh na carragh salainn. Cha bhi fhios aig neach fo ’n ghréin ciod a bha ’na bheachd ’san àm, ach so mar a fhreagair e [TD 95] [Vol. 6. No. 12. p. 7] agus b’ fhearr leam gun cualala sibh e ’ga radh:— “A chàirdean, so am mearachd a’s fearr ’s a’s taitniche a rinn mi riamh. Thainig mi an so a dh’ iarraidh na ‘làir dhuinn’ agus ’s ann fhuair mi an ‘nighean bhàn,’ ach ma tha sibhse toilichte tha mise lan riaraichte.” Mur do shiubhail iad bho sin tha iad beò fhathast. Bha boirionnach ann am Baile Thangusdail agus bha i a mach ag iarraidh caigeann laogh, agus rug an oidhche agus an t-anmoch oirre, agus thàinig sileadh agus sian, agus bha i ag iarraidh fasgaidh. Chaidh i gu cnoc leis a’ chaigeann laogh agus bha i a’ bualadh a’ chipein ann. Dh’fhosgail an cnoc, Chuala i gliogadaich, mar gu’m bitheadh buthal a’ gleadhraich taobh poite. Ghabh i iongantas. Stad i bualadh a’ chipein. Chuir boirionnach a mach a ceann agus na robh os cionn a meadhon agus thuirt i rithe. “Dè an gnothach a tha agad e bhi cur dragh air an tolm so anns am beil mise a’ gabhail còmhnuidh?” “Tha mi a’ toirt an aire air a’ chaigeann laogh so, agus cha’n ’eil mi ach lag, cait an d’theid mi leo?” “Theid thu leo, a dh’ionnsuidh an uchd ud shios, chi thu bad feoir an sin.” Ma dh’itheas do chaigeann laogh am bad feoir sin, cha bhi thu latha gun mhart bainne fad ’s is beò thu o’n a ghabh thu mo chomhairle. Mar a thuirt i, cha robh i riamh gun mhart bainne an deidh so, agus bha i beò, còig diag agus ceithir fichead bliadhna an deidh na h-oidhche a bha sud. SEANN SGEULACHD. Bha bàilidh àraidh ann an Albainn o choinn mòran bhliadhnachan a bha ainmeil airson ain-tighearnais. Tha mòran diubh anns an dùthaich sin, direach mar sin, air an latha an diugh. Rinn e gach olc a b’ urrainn do dhuine a dheanamh gus’ mu dheireadh chuir an tuath rompa cur as da. B’àbhaist da dol do’n bhaile mhargadh air latha àraidh gach seachduinn agus thilleadh e gu riaghailteach aig an aon uair anns an fheasgar. Air latha de na laithean bha dà dhuine falaichte air cùl garaidh a’ feitheamh air a shon. Bha am biodagan geur, loma ’nan duirn, agus bha iad an duil nach bitheadh e fada gus am faigheadh iad dioghaltas airson na h-uile eucoir a rinn e orra. Chaidh an uine seachad ach ma chaidh, cha d’thàinig am bàilidh agus bha beul na h-oidhche faisg orra; sheall aon diubh ann aodann a charaid agus thuirt e, “A Dhòmhnaill! tha mi an dòchas nach do dh’ eirich cron sam bith do an duine-uasal.” Chaidh deircire a dh’ionnsuidh taigh ministir àraidh anns a’ Ghalltachd, aon latha, an duil gu’m faigheadh e airgiod ach thug am ninistir da criomag arain ghoirt agus dh’ foighnich e ris an d’ rinn, e urnuigh idir air an latha sin. Thuirt am fear nach d’ rinn, a chionn nach robh e eòlach air urnuigh sam bith. “A dhuine bhochd!” ars am ministir “abair mar a their mise,’ agus thoisich e, “Ar n-athaira ta.” “Ar n-athair-ne” ghlaodh an deircire, “am beil d’ athair-sa m’athair fein cuideachd?” “Seadh,” ars am ministir, “Ma ta,” ars an duine, “is mise do bhrathair.” “Direach sin,” fhreagair am ministir. Thog am fear suas an criomag arain agus thuirt e, “Nach ’eil naire ort a bhi tairgsinn criomag arain ghoirt mar so, do d’bhrathair bhochd?” Aon eun aig a choir ’s e gu doitheanach deirbh; dà eun deug aig an dreollan, ’s iad gu soitheamh, soirbh. Bhris iad an cnaimhe ach cha d’ fhuair iad cothrom an smior a dheothal. An do phàigh thu MAC-TALLA. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd CARADH Uaireadairean Glanadh, $0.50 Mainspring, .60 An da chuid, 1.00 W. H. WATSON Air an t seann Laraich. Baddeck, C. B. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 96] [Vol. 6. No. 12. p. 8] An Nighean Dubh. ’Nighean dubh nan gruaidhean craobhach, Bha mi uair ’s bu bheag a shaoilinn, Gu’n caidilinn an oidhch’ as t-aogais; Chaidh sud aoga ’s chaochail e cruth. Tha thu suarach umam an diugh, Ged bha uair ’bu toigh leat mo ghuth; Tha thu suarach umam an diugh. ’N uair a bha sinn anns na gleanntaibh, ’Cuallach a’ chruidh-laoigh mu’n mhainnir Shaoil mi fhein nach robh air thalamh Fear a mhealladh bean a’ chinn duibh. Tha thu suarach, etc. A thé sin a tha aig na gamhna, Bha mi uair ’s bu mhor mo gheall ort; ’S gil’ thu na sneachd air na beanntaibh, Anns an àm ’s am biteadh ’g a chur. Tha thu suarach, etc. Tha mi lag, ged bha mi laidir, Tha mi sgith gu siubhal fhasach; ’S gur e ’thug mo chridhe mhàn, Ro mheud a’ ghraidh a bharaig mi dhuit. Tha thu suarach, etc. Tha do chneas cho geal ’s an fhaoileann Do dha ghruaidh cho dearg ’s an caorann; Suilean meallach, gorm ad aodann, Mala chaol mar ite ’n loin-duibh. Tha thu suarach, etc. Tha thu boidheach, tha thu loinneil, ’S duilich leam gu’m bheil thu foilleil; ’S binn’ thu na guth ’choilich-choille, Anns an doire ’n goireadh e moch. Tha thu suarach, etc. Is tric a bha saill air seann each, Agus puinsean ann an glainne, Amhuil sin a’s gaol mo leannain, Mar chop geal air bharraibh nan sruth. Tha mi suarach umad an diugh, Ged bha uair ’bu toigh leam do ghuth; Tha mi suarach umud an diugh. Oran do Mhaighdinn Cois-a-bhile. ’S ro mhuladach, neo-àdhmhor, Mo chàradh ’s an uair s’, An déigh mo leannan fhàgail ’S a’ bhràighe so shuas; Gur i mo chruinneag ghaolach, Tha ’gruaidhean mar ma caoran, Mar ùbhlan air bhàrr chraobh dheth Nach fhaodar am buain. Ge duilich dhomh ’s ge dìblidh ’Bhi ás do dhìth gach uair, Cha ’n aithnich neach gu’m bi mi Fodh mhi-ghean no ghruaim; ’S ge cruaidh thu ’bhi ’g a m’ fhàgail Cha chuir do ghaol gu bàs mi, ’S cha ghiorraich e mo làithean Gu bràth urad ’s uair. Ma ’s e fear’ thig ri d’ chàirdean A ’s dàch’ do thoirt uam, Nach truagh cho fad’ ’s a bha mi ’G a d’ thàladh gun bhuaidh! Ma ’s e ’s gu ’n d’ rinn thu m’ fhàgail, ’S gur e fear eile ’s àill leat, Nach b’ fhearr dhut innse tràth dhomh, Na fàs rium an gruaim. Is bochd leam thu ’bhi ’n còmhnuidh A’n dòchas cho truagh, A’n dùil gu ’n d’ rinn mi d’ fhàgail, ’S gu ’n d’ fhàs mi riut fuar; An gaol a thug mi trath dhut, Am feasd cha dean mi àicheadh, Cho fad’ ’s a bhios am bàs gun Mo chàradh ’s an uaigh. Ach ’s dona ’rinn thu ’ràidhtinn Gu ’n d’ fhàs mi riut fuar, No gu ’n do rinn mo chàirdean Mo bhlàth ghaol ’thoirt uat; Ged ’thiginn gu bhi ’g aicheadh Mo chinnidh ’s dùthaich m’ àraich, Cho cinnteach ris a’ bhàs, bidh Mo ghradh dhutsa buan. Na ’m biodh do chridh’ cho deònach Ri d’ chòmhradh ’n a m’ chluais, A dh’ aindeoin na tha beò, Bhiodhmid pòsda ri luaths. Bho ’s ann a d’ phearsa bhòidheich A tha mo ghaol-sa’ còmhnuidh, ’S do nàdur seirceil còmhnard, Mo leòn thu ’bhi uam! Tha sgéul air feadh na dùthcha Gu ’m bheil gach cùis gu réidh, Ach ’s beag am fios na lùban ’Tha dùbfhillt’ ’n a d’ chré; Cha d’ chuir i cas a’m bròig, us Cha ’n fhacas ’g imeachd feòir i Mu ’n deanainn móran bròin, ’S i gun deò dhomh de spéis. Ma ’s e ’s gu d’ rinn thu m’ fhàgail, ’S gur fheàrr leat fear ùr, Gu ’n robh gach sonas àrd ag Cur blàth air do chrùn: ’S mo dhùrachd fear a ’s feàrr dhut, ’Bhios fearail, toirteil, bàigheil, ’S a chumas tu bho ànrath, Le càirdeas us mùirn. Cha ’n urrainn iad a ràdh ach Gur geàrr ’bha do rùn; Is iomadh fear a b’ fheàrr na Mi ’dh’fhàilnich ’s a’ chùis; Is iomadh fear a bhàrr orm Nach d’fhuair a leannan làimh ris— An ni nach ’eil a’n dàn, Ciod an stàth ’bhi ’n a dhùil? Cha bhi mi nis ag innse Co i ’tha mi ’luaidh, Ach cluinnear e ri tìm, ’S i ’s an tìr so mu ’n cuairt; Am Fairtrichill Didònaich, Cha ’n fhaicear bean a bòichead, ’S ’na ’n teannadh i ’n am chòir, Rachadh fògradh fodh m’ ghruaim. Ach c’ àit’ am bheil ri ’faotainn Bean aogais mo luaidh? Cho fosgarr’ ris an fhaoileig Air aodann nan stuadh; Gu coimhneil, cridheil, seòlta, ’S i ’shliochd nan daoine còire— Nis criochnaichidh mi m’ òran, A’n dòchas a buain. AITE COBHAIR. Labhair an t-Urr. T. C. Mellor, Rural Dean, Christ’s Church Rectory, Guysboro, N. S., mu K. D. C. o chìonn ghoirid anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C. airson cion-cnamhaidh. Bha mi fulang le droch stamaig, ach leighis K. D. C. mi. ’Nuair a dh’ fhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge b’e àite ’n teid mi.” An urrainnear dearbhadh a’s fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a th’ ann air cion-cnamhaidh. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad eòmhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. FLUR AGUS MIN direach as na muillnean. (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.) TI, SIUCAR, TOMBACA, etc. Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID. ALASDAIR MARTUINN. Sidni, C. B., Sept. 1, 1897. [TD 97] [Vol. 6. No. 13. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 24 SEPTEMBER, 1897. No. 13. Tir nam Beann. (Eadar-theangaichte le FIONN.) O, ’s mi nach fhàgadh tir nam beann ’S na càirdean gaoil ’cha chòmhnuidh ann! O, ’S mi nach fhàgadh gleann an fhraoich Airson gach ni a tha ’s an t-saoghal. Mo chridhe bochd bhiodh briste, brùit’, Ri tìr nam beann na’n cuirinn cùl,— Ged ’s àluinn, cliuiteach dùthchaibh céin, Thoir tìr nam beann ’s nan gleann domh fein. Tha m’ athair sìnte, fuar ’s a’ chill, ’S mo mhàthair ri thaobh, ’s gu bràth cha till Le m’ chàirdean ’s tric a bha mi bròn, Na dream a dh’ eug ’s a tha fo’n fhòid. Ach nis am aonar tha mi caoidh Na’n laith’n a dh’ aom ’s nach till a chaoidh, Ged ’s àluinn, cliuiteach dùthchaibh céin, Thoir tìr nam beann ’s nan glean dhomh féin. Ga m’ mhealladh their iad rium gu dàn Gu ’m faigh mi sòlas ’a fois gach là, ’S gur leam gach ni a’s feàrr fo’n ghréin, Ma sheòlas mi gu dùthchaibh céin; Bidh cridhe briste brùite ’m chom Ma ’s fheudar dhomh dol thar nan tonn; Ged ’s àluinn, cliùiteach dùthchaibh céin, Thoir tìr nam beann ’s nan gleann domh fein. Gach lus a chi mi thar an tuinn, ’S ann bheir e ’m fraoch ’san roid ’am chuimhn’, ’N uair chì mi ’n sud na h-uillt ’s na cluain ’S ann dh’ eireas tir mo ghaoil am smuain. Cha ’n’ioghnadh mi ’bhi tùrsach, fann, Ma bheir mi cùl ri tìr nam beann. Ged ’s àluinn, cliùiteach dùthchaibh céin, Thoir tir nam beann ’s nan gleann dhomh féin. Fiosrachadh. Eisd thus’ a nighean ’s gun innis mis’ ’San òran seo gu fior dhuit, Mar chuirear eòlas leat air gaol Mu ’n toir an cluipear cìs uait: ’Nuair chi thu sùilean sùgach caoin A’ plathadh riut gu fiamhach faoin, ’S a rithist a’ dearcadh ort gu mion, Gu mealltach mear, gu miannach dian, Cho cinnteach ri do bheatha ’s do shaoghal Bi agad fios gum fac thu an gaol. Na Spainntich. Chuir an litir ma dheireadh a sgriobh “Cona” ’dh’ ionnsuidh a MHAC-TALLA mor dhuilichinn orm. Bha mi riamh am barail am measg a h-uile buaidh a bh’ air na Gaidheil nach robh aon a bheireadh barr orra am fiughantachd, an deisealachd air a thoillteanas fhein a thoirt do gach neach, ge b’e sluagh d’ am buineadh e. Ach ’s ann direach an so a rinn “Cona” dearmad air dualchas a shinnsridh, agus labhair e mu na Spainntich briathran a tha ’toirt moran ana-ceartais do ’n fhine ainmeil so. Thuirt e gu robh iad “riamh feineil, ardanach, uaibhreach, gun tuaiream, gun toinisg.” ’S i mo bharail gu bheil “Cona” coltach ri gu leoir eile a tha tamh an Impireachd Bhreatuinn—cha ’n eil moran fiosrachaidh aige mu ’n Spainn no mu ’sluagh, agus ’se a leisgeil a’s fhearr a’ ghabhas faighinn dha nach b’ aithne dha na b’ fhearr. Leigidh sinn seachad an drasd na facail “ardanach agus uaibhreach.” Tha ardan is ardan, uabhar is uabhar ann. Cha ’n aithne dhomhsa fine riamh a choisinn cliu nach robh an da chuid ardanach agus uaibhreach, ach cha chuala mi gus an so gu ’m bu choir dha ’bhi ’na aobhar thamailte dhaibh. Airson na facail “gun tuaiream, gun toinisg,” ’s gann gu ’m b’ urrainn dhaibh ’bhi na b’ fhaide bho ’n fhirinn. Tha foghlum na Spainn a’ toirt barr air foghlum a chuid a’s motha do dhùthchannan na Roinn-Eorpa. ’N uair a bha easbuigean an t-saoghail cruinn ’san Roimh ann an 1870, chuir ard-ionnsachadh nan easbuigean Spainnteach ioghnadh air càch gu leir. Tha an dealbhadairean ’s an luchd-innleachd eile cho math ’s a th’ air an t-saoghal. ’S ann aca ’bha aon uair malairt an t-saoghail air fad; ’s iad a fhuair am mach a chuid bu mhotha de na dùthchannan ùire ’s a chraobh-sgaoil ciall, riaghailt, agus creideamh am measg na treubhah fiadhaich a bha comhnuidh annta. Tha Seaman ’na dha leabhar, “Progress of Nations” agus “The American System of Government,” a’ sealltuinn gu soilleir an eadar-dhealachaidh uamhasaich a bha eadar na Spainntich agus na Breatunnaich ann an America. Tha e ag radh gun do dh’ fhiach na Breatunnaich agus na Gearmailtich ris na h-Innseanaich mar nach bu daoin’ idir iad; cha d’ thug iad oidheirp sam bith air an toirt fo laghannan ceart, no gus an staid a leasachadh. Air a laimh eile sheall na Spainntich orra mar dhaoine, mar chreutairean aig an robh anamannan ri ’sabhaladh, thug iad deagh laghannan dhaibh, leasaich iad an staid ann an iomadach doigh; agus air an latha ’n diugh eadar na Stàitean Spainteach agus Brazil tha corr agus 20,000,000 do dh’ Innseanaich cho rianach, riaghaltach, ’s a’s urrainn duine iarraidh le reusan. Anns na Stàitean Geancach agus Breatunnach cha ’n eil ach mu 500,000. Sgriosar as an corr dhiu agus cha ’n eil a sgrios reidh fhathast. ’S tha am beagan a chaidh fhagail moran na ’s deireisiche na tha iadsan a tha fo uachdranachd nan Spainnteach. A bharr air a so tha Seaman ag radh gu bheil na h-Innseanaich ’s na dùthchannan Spainnteach geamnaidh, gniomhach, agus measarra; agus air a laimh eile anns a chuid a’s motha de na h-Innsean an Iar a tha fo Bhreatunn gu bheil gach obair a’ dol air ais. Cha d’ thubhairt “Cona” ni bu chearra na litir na gu robh na Spainntich “feineil.” Tha fios aig an t-saoghal gu robh iad riamh ainmeil airson am fiughantachd. ’S ainneamh an dùthaich anns a’ bheil nithean saoghalta air an roinn cho math ’s cho ceart. Cha ’n eil moran de dhaoine tuilleadh is beartach ’s an dùthaich, ach cha ’n eil taighean bhochda idir innte. Cha ’n eil feum orra. ’S ainneamh an neach a tha ’am fior eiginn, agus ma bhios a h-aon ann, tha na nabuidhean deiseil gu fuasgladh air. ’S iomadh buaidh a th’ air an fhine chliuteach so nach urrainn dhomh feitheamh ri luaidh; ach bheirinn a chomhairl’ air “Cona” beagan eile de dh’ fhiosrachadh fhaotainn mu’n sgriobh e ’n corr mu dheidhinn nan Spainnteach. MAC-IAIN. Sept. 21mh, 1897. A GHAILIG AGUS AN EABHRA—’S aithne dhomhsa duine àraidh Gaidhealach ’tha pòsda ri bean uasal Ghallda. Bithidh an duine so air uairibh a seinn dha fhein rannan dheth chainnt mhàthreil. Thuirt a bhean ris aon là àraidh agus e ris a ghnothuch so. “B’ fhearr leam fein gu’n tugadh thu thairis a bhi ris a chainnt mhosaich sin.” Cha robh sud a còrdadh ri cridhe a Ghaidheil, agus ’s ann a thuirt e ris fein “Bheir mise ort a bhean Ghallda, gu ’n aidich thusa air doigh eile thaobh mo chainnt uasal-sa.” Agus mar sin, an deigh dha a freagairt, ag radh nach robh mosaich ’s am bith co-cheangailte ris a chainnt aige-san, dh’ fheòraich e dhi “An cuala thu riamh dad de ’n a chainnt Eabhrach, agus ciod e am bheachd a th’ agad oirre-sa?” “Thoir dhomh (ars ise) earrann dhi, agus innsidh mi dhut cia mar ’s caomh leam i?” Chunnacas a nis gu ’n robh i gu tuiteam anns an an rib a shuidhicheadh air a son; agus thug e dhi le guth cho glan, ’s cho suidhichte ’s a b’ urrainn da na briathran a leanas: “Bha mi ’n dè ’m Beinn Dorainn, ’S na coir cha robh mi aineolach; Chunnaic mi na gleanntan, ’S na beanntan a b’ aithne dhomh.” “Sin agad a nis (ars ise) cainnt ris an airidh cainnt a radh!” [TD 98] [Vol. 6. No. 13. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. IX. Bha i ’na boirionnach cho maiseach ’s nach b’urrainn mi gun tlachd a ghabhail dhith a’ cheud shealladh a chunnaic mi dhith; agus leis an doigh aoidheil, chaoimhneil anns an do ghabh i rium, ghabh mi orm fhein de dhanadas bruidhinn rithe mar so, “A bhaintighearna, mu ’m freagair mi cheisd a chuir thu orm, ceadaich dhomh a radh gu’m bheil mi anabarrach toilichte gu’n do thachair sinn ri ’cheile. Tha sinn a thachairt ri ’cheile a’ toirt faothachaidh dhomhsa o ’n bhron a tha mi ’fulang; agus ma dh’fhaoidte gu’n toir e cothrom dhomh air thu fhein a dheanamh ni’s sona na tha thu.” Dh’innis mi dhi mar a fhuair mi am mach far an robh i; gu’m bu mhac righ mi, ged nach robh a’ bheag dhe ’choltas orm ri m’ fhaicinn; agus thuirt mi rithe gu’m b’e am fortan fhein a stiuir mi a dh’ ionnsuidh a’ phriosain anns an robh i; agus ged a bha ’n t-aite ’s an robh i ’na aite-comhnuidh maiseach, nach robh a’ chuis coltach gu’n robh i toilichte ann. “Ochan! a phrionnsa,” ars ise ’s i deanamh osna, “tha thu ceart gu leor an uair a tha thu ’smaointean gu’m bheil mi sgith de ’n aite-chomhnuidh mhor, mhaiseach so; cha ’n ’eil tlachd sam bith aig daoine de ’n aite a’s maisiche ’s a’s fhearr air an t-saoghal an uair a tha iad air an cumail ann an aghaidh an toile. Feumaidh gu’n cuala tu iomradh air Epitimarus, righ eilean Ebene. Is mise nighean an righ sin. B’e toil m’ athar mo thoirt ri m’ phosadh do mhac a pheathar; ach, oidhche na bainnse, an uair a bha maithean na cuirte agus sluagh a’ bhaile gairdeachais, thug fathach air falbh mi. Chaill mi mo mhothachadh anns an am, agus an uair a thainig mo mothachadh ugam, bha mi anns an aite so. Fad uine mhoir bha mi anabarrach trom, tursach; ach mu dheireadh b’ eiginn domh feuchainn ri mi fhein a dheanamh riaraichte le m’ staid, agus gabhail ris an fhathach a h-uile uair a thigeadh e. Mar a dh’ innis mi dhut mar tha, tha mi coig bliadhna fichead anns an aite so, far am bheil, tha mi ’g aideachadh, gach ni agam a b’urrainn domh iarraidh a chum mo dheanamh comh-fhurtail araon ann am biadh ’s an aodach. Tha ’m fathach a’ tighinn an so uair ’s na deich latha, agus a’ cur seachad na h-oidhche comhladh rium. Mar leith-sgeul air son nach ’eil e tighinn ni ’s trice tha e ag radh gu’m bheil e posda ri te eile, agus gu’m biodh i ag iadach ris nam biodh fhios aice gu’m bheil e ’tighinn an so far am bheil mise. Ach ma ’s math leam e thighinn aig am sam bith de’n oidhche no de ’n latha, foghnaidh dhomh an glag-draoidheachd ud aig an dorus a bhualadh, agus bidh e an so ann an tiotadh. Is e’n diugh an ceathramh latha o ’n a bha e an so, agus cha ’n ’eil duil ris gu ceann sia latha eile. Ma thogras tusa, faodaidh tu fuireach coig latha a chumail cuideachd riumsa, agus feuchaidh mi ris gach caoimhneas is urram ’nam chomas a nochdadh dhut.” O’n a bha mi ’g am mheas fhein gle fhortanach a’ leithid so de dheadh thairgse ’fhaighinn gun iarraidh, cha do dhiult mi i. Thug a’ bhana-phrionnsa orm a dhol do sheomar faragaidh mor’, maiseach, nach fhaca mi riamh ni b’fhearr; agus an uair a thainig mi am mach, an aite an aodaich a chuir mi dhiom, fhuair mi deise riomhach a dh’fhaodadh prionnsa sam bith a chur uime. Thug so toileachadh mor dhomh, cha b’ann a mhain a chionn gu’n robh an deise luachmhor, ach a chionn gu’n robh mi ann an eideadh freagarrach air son suidhe ann an cuideachd na bana-phrionnsa. Shuidh sinn greis a chomhradh ri ’cheile. An deis dhuinn crioch a chur air a’ chomhradh a bh’ eadrainn, dh’ eirich ise, agus chuir i biadh dhe gach seorsa a b’fhearr na cheile air a’ bhord. Shuidh sinn aig a bhord agus an deigh dhuinn na thainig ruinn de ’n bhiadh a ghabhail, chuir sinn seachad na bha romhainn de’n latha le mor thoilinntinn. Air an ath latha rinn i gach ni a ghabhadh deanamh a chum gach toileachadh a thoirt dhomh. Aig am na dinneireach thug i steach botul de sheann fhion cho math ’s a bhlais mi riamh. Gus mo thoileachadh, dh’ ol i beagan de comhladh rium. An uair a dh’fhas mi blath leis an fhion thuirt mi rithe, “A bhana-phrionnsa mhaiseach, tha thu tuilleadh is fada air do thiodhlacach beo anns an aite so. Cuir cul ris an aite so, agus falbh comhladh rium fhein far am faic thu solus an latha, a chum gu’m bi saorsa is toileachadh agad nach robh agad o chionn iomadh bliadhna.” Le fiamh gaire air a gnuis thuirt i, “A phrionnsa, na bi bruidhinn air a leithid de ni. Ma dh’fhanas tu naoi latha dhe na deich comhladh rium an so, agus gu’n leig thu leis an fhathach a bhith comhladh rium gach deicheamh latha, is e gu mor is roghainniche leam na falbh a so.” “A bhana-phrionnsa,” arsa mise, “is e an t-eagal a th’ ort roimh ’n fhathath a tha ’toirt ort a bhith bruidhinn mar sin. Air mo shon fhein dheth, cha tugainn sop air. Bristidh mi an glag-draoidheachd ’na bhloighean. Thigeadh e; tha mise deas air a shon ciod sam bith cho laidir, treun ’s a tha e ceannsaichidh mise e. Tha mi ’toirt m’ fhacail dhut gu’n cuir mi as do na h-uile fathach a th’ air an t-saoghal.” O’n a bha fhios aice-se gu math mar a dh’ eireadh dhomh, ghuidh i orm gu durachdach gun mi bheantuinn do’n ghlag-draoidheachd; “oir ma bheanas tu dha,” ars’ ise, “cuirear mi fhin ’s tu fhein a dhith. Tha fios agamsa air cumhachd nam fathach ni ’s fhearr na th’ agadsa.” Bha mi air fas cho blath leis an fhion aig an am ’s nach tug mi cluas do na briathran a labhair i. Dh’ eirich mi o’n bhord, bhuail mi breab air a’ ghlag-draoidheachd, agus bhrist mi e. Cha bu luaithe a bhristeadh an glag-draoidheachd na dh’ fhairich sinn an luchairt a’ dol air chrith. Shaoil sinn gu’n robh i a’ dol a thuiteam m’ ar cinn. Chunnaic sinn dealanaich, agus chuala sinn fuaim eagalach, mar fhuaim thairneinich. Chuir am fuaim so a leithid a dh’ eagal orm ’s gu’n d’ fhas mi cho fuar ’s ged nach olainn deur fiona. Agus thuig mi gu’n d’ rinn mi gnothach gle ghorach. “A bhana-phrionnsa,” arsa mise, “ciod is ciall dha so?” Mhothaich mi gu’n robh i air chrith le eagal an uair a fhreagair i mi ’s a thuirt i, Mo leireadh! tha thu caillte mur grad theich thu.” Ghabh mi a comhairle, ach leis an eagal ’s leis a’ chabhaig, dhichuimhnich mi an tuadh agus an sugan thoirt leam. Ghabh mi suas an staidhre cho luath ’s a b’urrainn mi, agus mu ’n gann a bha mi air a barr, dh’fhosgail an luchairt, agus thainig am fathach a steach. Thuirt e ris a’ bhana-phrionnsa, agus e ann an corruich mhoir, “Gu de ’thachair dhut, agus c’ar son a ghairm thu orm?” “Bhuail goirteas anns an stamaic mi, agus gus mi fhein a leigheas thug mi lamh air a’ bhotul fhiona so. Dh’ ol mi beagan dheth uair no dha, agus le tuiteamas bhuail mi an glag-draoidheachd, agus bhristeadh e; sin mar a bha,” ars’ ise. An uair a chual’ am fathach so, thuirt e rithe, “A dhroch bhean, tha thu ag innseadh nam breug. Co aig a bha’n tuadh ud an sid?” “Cha’n fhaca mise iad gus a so,” ars ise. Is docha gur ann ’na do luib fhein a thainig iad a steach. O’n a bha leithid de chabhaig ort a’ tighinn, ma dh’fhaoidte gu’n d’ thug thu leat iad gun fhios dut.” Gun tuilleadh a radh rithe thoisich e ri gabhail oirre ’s ri toirt maslaidh dhi. Cha b’urrainn domh eisdeachd ris an droch dhiol a bha e ’deanamh oirre. Chuir mi dhiom an deise mhaiseach a thug i orm a chur uman, agus o’n a chuir mi m’ aodach fhein aig bar na staidhreach an latha roimhe sin gus a bhith deiseil ri m’ laimh an uair a bhithinn a’ falbh ghrad chuir mi umam e. Ghreas mi am mach, dhruid mi an dorus-falaich, agus chuir mi an uir air a mhuin mar a bha e roimhe. Bha mi anabarrach diombach dhiom fhein air son mar a thug mi le mo ghoraiche fhein a leithid de chruaidh-fhortan air an aon bhoirionnach a b’aille snuaidh ’s bu tlachdmhoire anns gach doigh, a chunnaic mi riamh mu choinneamh mo dha shul. “Tha e fior gu leor,” arsa mise rium fhein, “gu’n robh i druidte anns taigh-fo-thalamh so o chionn choig bliadhna fichead; ach ged nach robh a saorsa aice, cha robh eis ni sam bith oirre a bhiodh feumail dhi. Chuir mise le mo ghoraiche crioch air gach toileachadh a bh’ aice, agus bhrosnaich mi ’na h-aghaidh an creutair a’s neo-iochdmhoire a th’ air an t-saoghal.” [TD 99] [Vol. 6. No. 13. p. 3] Thill mi do’n bhaile leis an eallach chonnaidh. Bha aoibhneas mor air an taillear an uair a chunnaic e mi. Agus an deis dha failte chridheil a chur orm, thuirt e, “Bha mi fo mhor dhragh-inntinn o’n a dh’fhalbh thu, gu h-araidh o’n a dh’ innis thu dhomh co thu. Bha eagal orm gu’n d’ fhuaradh am mach e; ach buidheachas do Dhia gu’n d’ thainig thu.” Thug mi taing dha air son a’ churaim a bh’ aige dhiom, agus air son a’ chaoimhneis a nochd e dhomh. Ach cha d’innis mi dha c’aite an robh mi fad ’s a bha mi air falbh no ciod a bha ’gam chumail. Cha mho a dh’ innis mi dha mar a chaill mi an tuadh. Chaidh mi do m’ sheomar fhein, agus chain mi mi-fhein gu math ’s gu ro mhath air son mo ghoraiche. “Bha mi fhein ’s a’ bhana-phrionnsa air a bhith cho sona ’s a’ tha’n latha cho fada, mur b’e gu’n do bhrist mi an glag-draoidheachd,” arsa mise rium fhein. (Ri leantuinn.) Gnothaichean an t-Saoghail. Tha na Staitean araon lionmhor, leathunn agus cumhachdach. Tha aobhar againn ann an Canada a bhi taingeil nach eil ar coimhearsnaich deigheil air cogadh agus stri nan lann air machair ’us faiche ’n air—ni iad ball-sgaireachd air uairibh, agus bithidh othail ’us upraid ann an rioghachd no dha, do bhrigh gu bheil ard-uachdaran nan Staitean a’ labhairt gu h-uaibhreach ard. Tha coir aig gach dùthaich air gach ni ’s cothrom a bhuineas gu dligheach di. Is ceart a tha i, ’nuair a tha i ’g amharc gu pongail, curamach an deigh gach fearainn ’us ionmhais, ’us loch, ’us aimhne, ’us eisg, ’us roin a tha na criochan. Fhuair na Staitean a chuid a b’ fhearr ann an iomadh cuis a bha eadar iad fein agus Breatunn mu dheibhinn Chanada. O’n thainig roinnean Chanada le cheile, tha sinn a toirt aire gu mor na’s fhearr do gach ni’s coir ’us crioch a bhuineas duinn fein, agus cha ’n ann gun oidheirp dhuineil, laidir a dheanamh airson ceartais fhaotainn a bheir sinn suas no seachad loch no camus, creag no comhnard, craobh no cruinneachd. Tha sinn aig an àm so fein air ar lionadh le ioghnadh do bhrigh gu bheil òr ’us airgiod ’g an nochdadh fein eadhon ann an ionadan iomallach ar dùthcha. Is beag a shaoil sinn riamh gu bheil pailteas oir anns a’ chearna de Chanada ’tha fada air falbh anns an iar-thuath, agus far am bheil sneachd ’us reothadh, ’us creagan, ’us sruthan gaireach, ’us fasaichean mora neo-thorrach. B’ àbhaist do dhaoine ’tha fior-eolach air òr ’s air gach maith ’us innleachd a tha dluth-cheangailte ris, a bhi ’g creidsinn gu sguireadh saoibhreas pailt an oir. Tha ’n òr bog. Caithidh e air falbh ann an uine ghearr. Tha de neamhnuidean ’us de cluigeinean, ’us de shoithichean beaga ’s mora air an deanamh de ’n òr; air chor agus gu bheil feum air moran oir air feadh an t-saoghail gach bliadhna. Co a’s urrainn beachd dhiong-mhalta ’ghabhail air pailteas anabarrach an oir a tha ann an Claondaic, ann an cnuic ’s an glinn Cholumbia, ’s ann an airde ’n iar Ontario. Bu mhaith le ’r coimhearsnaich nam bitheadh comas aca air doigh air bith greim a dheanamh air cuibhrionn de ’n dùthaich againn a tha dluth air Alasca. Gleidhidh sinn gu curamach, foirmeil, ’us le gaisge neo-sgathach, gach ionmhas air muir ’s air tir, gach òr ’us airgiod, gach iasg ’us ron, gach clach luachmhor, ’us achadh boidheach, torrach, a tha ann an luib Chanada. Ged tha air uairibh moran amaideachd ’us blaomaireachd air an nochdadh ’s air an labhairt le àireamh gobach anns na Stàitean, is ann bho na sinnsirean ceudna ’thainig iadsan agus sinne. Tha sinn a’ labhairt na canaine cheudna, ’s is gnath leinn a bhi faotuinn eolais ’us toileachadh ann an eachdraidh, ’us gniomharan ’us abhaistean nam fineachan calma, treubhach a bha lionmhor lamhach air taobh thall a’ chuain anns na linntean aosmhor a bha ’s a dh’ aom. Bhitheadh e narach ’us maslach nam bitheadh gu brath tuille cogadh no spairn nan sleagh ’us nan claidheamh no teine mhillteach nan cabhlach eadar na Stàitean agus Canada. Ach a chum gu bi meas mor againn air a cheile daonnan, thig e dhoibhsan a bha direach, onarach, cairdeil, ’us gun a bhi aon chuid carach no cuilbheartach tuille. Bheir sinne ar gealladh seachad nach iarr sinn ach ar cuid ’s ar coir fein. Ni sinn dichioll air a bhi uasal, firinneach, cairdeil, guamach, teoma ’n ar coimhearsnachd leis na Stàitean ’us le rioghachdan an t-saoghail gu leir. O’n nach eil moran feoir no fochainn, arbhair no cruinneachd ann an Columbia no an Claondaic far am bheil sluagh lionmhor a’ trusadh agus a’ cladhach an oir, tha margadh gasda mar so air fhosgladh airson na spreidhe ’s nan caoraich reamhair a tha ’n am miltean ann an comhnardan feurach na h-Iar-Thuath. Tha margadh gasda mar an ceudna anns na h-aitean ud airson cuibhrionn mhor de ’n chruinneachd reachmhor a tha ’cinntinn gu cruaidh brioghmhor ann an airde ’n Iar Chanada. Feumaidh Canada dol air a h-aghaidh le ceum deifireach, cinnteach, ann am beartas a thrusadh: ann an sonas ’us maoin fhaotainn: agus ann an comas air gniomharan beusach, maith, ’us cliuiteach a dheanamh. Faodaidh gach neach aig am bheil slainte ’s neart ’us tapachd teachd-an-tir saoibhir, samhach a chosnadh ma nochdas e stuaim, ’us dichioll iomchuidh. Co aig am bheil fios air gach ionmhas luachmhor a tha am farsuingeachd uamhasach, uaigneach, Iar-Thuath Chanada. Tha iomadh mile de fhearainn torrach, ard air nach eil eolas fathast againn. Ma dh’ fhaoidte gu bheil òr, ’us airgiod, ’us gual r’ am faotuinn gu furasda ’us gu ro-phailte ann an ionadan far nach robh duine geal riamh. Aidichidh sinn gu toileach gu bheil ar luchd-riaghlaidh a’ gabhail dragh ’us curam glic: a chum gu faigh Canada agus a daoine fein, mar is cubhaidh doibh, coir ’us sealbh a bhuineas gu dligheach doibh, air gach òr ’us ionmhas, air gach coirce ’s cruinneachd, air gach damh ’us caora, air gach each ’us muilead, air gach gobhar ’us meann, bho chuan na h-Airde ’n Iar, gu cuan na h-Airde ’n Ear. CONA. Pic-nic S. W. Margaree. Air an ochdamh agus an naoidheamh latha de Sheptember, bha pic-nic mhor, eireachdail aig muinntir paraisde S. W. Margaree. Seachdain no dha romh ’n àm, rinn mi-fhéin suas m’ inntinn gu ’n rachainn d’a ionnsuidh; cha ’n fhaigh mi an tigh ’s am baile fhagail ach ainneamh, agus smaointich mi gu ’m bu bheag an toileachadh domh fhìn ’s do Mhàiri, latha no dha chur seachad maille ri ’r cairdean air a’ chruinneachadh so. Chaidh sinn a chadal tràth an oidhche romh ’n àm, agus mar so chaidh againn air éirigh moch an lath-ar-na-mhàireach, tacan math ma ’n do bhlais an t-eun air an uisge. Bha mi fhéin a cuir air doigh mar a b’ urrainn mi; ach leis a’ chabhaig agus a chàil a bh’ agam faighinn air falbh, cha ’n amaisinn air car ceart a dheanamh, bha mi a smaointinn gu ’r ann bha cùisean a dol am aghaidh—an fheusag fhéin theab nach nach gabhadh i toirt a nuas, agus an t-each donn a b’ àbhaist seasamh cho socrach ’nuair a dh’ eibhinn “Tom,” co ach esan, shaoileadh sibh gu ’r seann “Mhontreal” a bh’ ann. Chuimhnich mi mar a dh’ eirich do ’n Eirionnach ’nuair shaoil leis a bhith air muin na muice ’s ann a bha e lamh rith’ anns a lub. A dh’ aindeoin gach cùise fhuair mi deiseil ’an am gle mhath, ach ged’ a fhuair cha robh Màiri leathach,—theab nach sguiridh i ’ga dreasadh fhein, bho rùm gu rùm, bho sgàthan gu sgàthan, cha robh math guth a ràdh; ach gu dearbh bha i coimhead taghte math ’nuair bha i ullamh, agus bha mi toilichte airson na foighidinn a rinn mi—’s ioma trudar nach deanadh i. Dh’ fhalbh sinn; bha i fhathast tràth, cha robh a’ ghrian ach ag éirigh. Bha maduinn ann cho taitneach ’s a b’ urrainn a bhith—obair naduir cho muirneach agus maiseach air gach taobh; bha mi bait’ ’an ioghnadh ’s an aoibhneas; thoisich mi air smaointeachadh ’s air meorachadh ’s air cuir bhriathran an eagamh a cheile ’an cuma bardachd, rud nach d’ rinn mi riamh roimhe. “Ged tha mo cheann air liathadh ’S mo chiabhagan air tanachadh.” ’Nuair a dh’ fhoighneach Màiri an ann a’ fas faoin a bha mi, so a fhreagairt a fhuair i:— Anns an tràth-mhaduinn ghluais mi, Ghabh mi suas tromh Mharg’ree; Bha m’ inntinn lan sòlais ’G amharc bòidhchead gach ni; ’Ghrian ag éirigh gu boisgeant’, ’Sgaoileadh caoimhneas ’san tìr,— (Air a leantuinn air taobh 102.) [TD 100] [Vol. 6. No. 13. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ’Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 24 SEPTEMBER, 1897. Deas Fhreagairtean. Tha e air aithris gu ’n robh dithis bhraithrean, agus an dara fear da ’m b’ ainm Iain no Eoin fo’n ruaig air son ni eigin a rinn e as an rathad. Cha robh neach a làthair a dh’ aithnicheadh e ach a bhràthair fhein; agus bha ’m bràthair sin air a mhionnachadh gu ’n innseadh e air, no gu ’n comharraicheadh e mach a bhràthair do ’n luchd-tòrachd na’n tigeadh e ’s an rathad. Air dha ’bhràthair fhaicinn a tarruinn air falbh ann an eathar, sheinn e an rann a leanas; oir bha e air son a mhionnan a choimhlionadh gun a bhràthair a bhrath. Agus air dhoibhsan smuaineachadh gu ’n robh e faicinn fhaoileagan no eòin eile dhe ’n t-seòrsa, cha do chuir iad umhail sam bith: “Chi mi e ’s cha cheil mi e, ’S air mhìle bonn cha bhrath mi e, Chi mi Eoin a snàmh air sruth, Sud agaibh e, is beiribh air.” Bha duine a bha ro theoma air guidheachan a falbh an rathaid ann an carbad. Chuir clach a bha ’san rathad, maille air a charbad aige. Ghlaodh e ri seann duine a bha goirid uaithe, e thogail na cloiche ’s a tilgeil a dh’ ifrinn. “Cha tilg,” ars an seann duine gu socair, ’s e ga togail ’s ga tilgeil a leiththaobh, “air neo na’n tilgeadh, dh’ fhaodadh i bhith rithist na do rathad.” A DEANAMH A TRI AS NA DHA,—Tha e air aithris air duine araidh aig nach robh sgoil ’s am bith e fhein, gu’n do chuir e ’mhac do ’n chollaisd gu àrd fhoghlum a thoirt da; agus air do’n ghille tighinn dhachaidh aig am àraidh, dh’ fhoidhnich ’athair dheth agus iad a suidhe gu ’m biadh, cia mar a bha e faighinn air adhart ’sa chollaisd no ’m b’ urrainn e dearbhadh ’s am bith a thoirt seachad air ard sgoilearachd, a thuigeadh daoine gun fhoghlum coltach ris fhein agus ri ’mhathair, (agus amhrus aig an t-seann duine nach robh ’n gille a toirt uiread aire do ’n sgoil ’s bu chòir dha). Ars an gille ’s e sealltuinn mu’n cuairt da, ’s a faicinn da thunnaig ròst air a bhòrd: “Nan dearbhainn dhuibh gu ’m bheil tri eòin an sin an aite na dha a tha sibhs’ a faicinn, nach biodh sibh riaraichte?” “Bhitheadh gu’n teagamh” ars athair. Chuir an gille an sin aon do na h-eòin an dara taobh; “Sin agaibh aon,” ars’ esan. “Ceart,” ars’ athair. Chuir e ’n sin na dha maile ri cheile rithisd: “Tha dha an sin,” ars esan, “agus nach e aon agus a dha trì?” “’S e gun teagamh ars’ athair, ’s math a fhuaras thu.” Goirid an deigh sin thoisich a mhàthair air na h-eòin a roinn. Chaisg athair i ag radh: “Cha leig thusa leas’ a bhean chòir, na h-eòin a roinn agus gun againn ach triùir; rinn sgoileireachd do mhic na h-uiread sin a dh’ fheum dhuit mar tha; bheir mise leam am fear so (agus e toirt leis an dara fear), agus biodh am fear beag sin agad fhein, agus fagamaid an trìtheamh fear aige-san slàn airson a sgoilaireachd. Cha d’ fheuch an gille ’n dòigh cunntaidh so a riamh na dheigh timchioll air a bhòrd. DH’ FHALBH E.—Bha Iain ’na sheann duine a bha gle gheur, ach cha robh e idir còir. Bha e ’fuireach leis fhéin, agus aon latha air dha biadh math a dheanamh, shuidh e sios g’a ghabhail, ach direach ’nuair a rinn e sin, thainig nabuidh dha a stigh ’s fhad ’sa bha Iain ag ithe bha e geur-amharc air. Cha robh toil aig Iain iarraidh air a nàbuidh falbh, ’s cha mho a bha toil aige greim a thoirt dha. “A Dhomhnuill,” ars esan, “am bheil fhios agadsa carson nach eil mise cumail coin?” “Ma ta, gu dearbh, cha ’n eil,” arsa Domhnull. “Ma ta, innsidh mise dhuit car son; cha ’n urrainn dhomh greim bidh a ghabhail gun e bhi ’gam amharc an clàr an aodainn, agus sin rud a’s lugha orm a chunnaic mi riamh.” Thuig Domhnull gu de bha dhith air Iain, agus dh’ fhalbh e. Tha e coltach gu bheil cùisean gu bhi air an réiteach eadar an Tuirc ’sa Ghréig mu dheireadh thall. Tha na rioghachdan mora ri dhol an urras air a’ Ghréig gu’m pàigh i a cuid fhiachan, tha suim airgeid ri bhi air a phàigheadh d’ an Tuirc, agus tha aig na Turcaich ri Thessalay fhàgail air ball. ’S ann mar so a bha Morair Salisbuay ag iarraidh a chùis a réiteach o chionn faada, ach gus o chionn gle ghoirid, cha toireadh càch éisdeachd dha. Tha an sluagh anabarrach bochd ann an Eirinn air an fhoghar so; tha an t-uisge an deigh gach bàrr a mhilleadh, agus tha gaoid anns a’ bhuntata a tha ’n deigh a chur bho fheum gu buileach. Mur faigh iad cuideachadh, cha’n eil dòigh aig mòran de ’n t-sluagh air iad fhéin a chumail beò. Cha robh an dùthaich ann an suicheachadh cho bochd o chionn leth-cheud bliadhna. Thatar ag radh an dràsda gu bheil Sir Oliver Mowat gu bhi na riaghladair air Ontario, agus gu bheil an t-Onarach Daibhidh Mills gu bhi na Mhinisteir Ceartais ’na àite-san. Anns an àireamh mu dheireadh agus anns an àireamh so, gheibhear an da chaibideil sin de na “Sgeulachdan Arabianach” a bha air chall oirnn. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 101] [Vol. 6. No. 13. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Sir Wilfrid Laurier gu bhi ann a Halfacs air an t-seachdain s’a tighinn. Ruigidh e am baile Dior-daoin, agus bidh e ann gu feasgar Di-haoine. Tha an t-side car fliuch o chionn treis a dh’ ùine air ais, agus tha e gu math doirbh do na tuathanaich an cuid buana a dheanamh. Tha sinn an dòchas gu ’n tig side na ’s fhearr, agus gu faighear an t-arbhar a ghearradh ’sa chur fo dhion an ùine ghoirid. Bha stoirm mhor ann feasgar agus oidhche Di-màirt, agus fhuair am bàt-aisig an t-slighe eadar so us Sidni Tuath doirbh gu leòr. An deigh na dinnearach cha deach i gu laimhrig Victoria ach aon uair; bha an t-uisge tuilleadh us garbh aig beul na h-acarsaid. Thainig am Marion a stigh am feargar sin, agus bha àireamh mhor dhiubhsan a bha ’gabhail an turuis oirre gle thinn. Tha an t-Ard-Riaghladair agus a bhean a tigh’nn do Cheap Breatunn gun teagamh sam bith. Tha iad gu tighinn air a’ cheud seachdain de ’n mhios s’a tighinn, agus tha dùil ri iad a thaghal ann an ceanna-bhailtean nan ceithir siorrachdan, agus ann an àireamh de na bailtean eile. Tha sinn an dòchas gum bi turus math aca, agus gu ’n còrd Ceap Breatunn riutha mar a tha e còrdadh ris a mhor-chuid dhiubhsan a tha tigh’nn ann, agus nach bi ’n ùine fada gus an tig iad air sgriob eil’ ann. Bha réis bhàtaichean-seòlaidh aca ann an Orangedale air an ochdamh latha dhe’n mhios so. Fhuair Domhnull MacPhionghain a cheud duais, agus Niall Mac Neill an darra duais. Bha réis aca’ m bliadhna roimhe—air latha na h-Iubili—agus bidh réis eile aca ann an Nobhember. Bha comunn air a chur air chois toiseach an t-samhraidh air son na réisean so a chur air adhart, agus cha ’n eil teagamh nach dean iad an obair air dhoigh ’s gu ’m bi na réisean a chum math luchd nam bàtaichean agus ’nan toileachadh dhaibhsan a bhios ag amharc orra. Tha muinntir Shidni a’ cur rompa fàilte chridheil a chur air Iarla Abaraidhean ’s air a Bhain-tighearna ’nuair a thig iad. Tha ceud us coig dolair fhichead air a chur air leth leis a’ bhaile air son ullachadh a dheanamh air an son, agus tha na saor-dhionadairean ri bhi air an toirt a mach gu dhol ’nan cainneamh a reir gnàth an airm, ’s gu bhi ’nan geard aca. Bu chòir do gach neach ’sa bhaile ’s anns an t-siorrachd na b ’ urrainn daibh a dheanamh air son beatha ’n Ard-Riaghladair ’s na Bain-tighearna a dheanamh gu math air an ceud chuairt do cheanna-bhaile Cheap Breatunn. Chaidh da shoitheach-smùide a chall air cladach Newfoundland, eadar Cape Race us St. John’s, oidhche Di-haoine s’a chaidh. Bha te dhiubh, an “Rhodora,” air a turus eadar Sasuinn us Philadelphia; chaidh i air chall anns a’ cheò, agus mu’n robh fhios aca-san a bh’ air bòrd c’ àite ’n robh iad bhuail i air na creagan aig Horn Head, agus chaidh a spealgadh as a chéile. Fhuair an sgioba uile, coig duine fichead, air falbh anns na bàtaichean, agus mu thri mionaidean an deigh dhaibh a fàgail spraidh na goileadairean, agus chaidh an soitheach ’na teine, agus ’s e gle bheag dhi a dh’ fhàgadh air uachdar an uisge. Bha an sgioba anns na bàtaichean fad na h-oidhche agus pàirt dhe ’n ath latha, gun bhiadh, gun deoch, agus cuid dhiubh air gle bheagan aodaich. Thainig soitheach-smùide eile ’nan rathad a thug leatha iad. Mu ’n àm cheudna bha soitheach eile, an “Eugenie,” a bha tigh’nn gu Louisburg á Shields, air a bristeadh air na creagan mu dheich mile fichead a tuath air Horn Head. Fhuair an sgioba iad fhéin a shàbhaladh, agus dhirich iad gu mullach creige far an robh iad gus an d’ fhuair iad cuideachadh bho thir. Bha an t-iasgach gle mhath ann an Labrador, air a’ bhliadhna so, ach bha e gle dhona ann an Newfoundland; bha an t-iasg gann, agus cha robh pris a b’ fhiachd air idir. Tha soitheach cogaidh, ùr d’an ainm an Renown, air tigh’nn gu Halifacs, an soitheach-cogaidh a’s briagha thainig riamh thar a’ chuain. Tha i gu bhi aig an admiral, an àite a’ Chrescent, a tha air a dhol air ais do Bhreatuinn. Thainig boirionnach òg a mhuinntir New York gu Montreal a sheachdain gus an Di-sathairne s’a chaidh, agus ghabh i seòmar ann an tigh-òsda. Cha do bhruidhinn i ri duine, ach air dhi a dhol d’a seòmar, ghabh i puinnsean, agus an ceann beagan ùine fhuaireadh marbh i. Cha ’n eil fhios ciod a b’ ainm dhi. Tha aon de phaipearan Thruro a’ toirt iomradh air fear Micheil Bennett a dh’ fhalbh á Seana Bhridgeport gu dhol gu ruige Clondaic. Chaidh e cho fada ri Boston, agus an deigh dha seachdain no dha a chur seachad am measg a luchd-eolais ann an sin, thill e dhachaidh, agus tha e ’g obair anns a’ mhèinn-ghuail mar a bha e roimhe. Thainig Lieutenant Peary agus a chuideachd air ais as an àirde Tuath Di-luain s’a chaidh, an deigh dhaibh a bhi air falbh mios agus fichead latha. Bha an t-side gle dhoirbh aca air an tilleadh agus bha beagan millidh air a dheanamh air an t-soitheach, ach bha gach neach sàbhailte gu leòr. Bha iad a’ losgadh an tunna mu dheireadh dhe ’n cuid guail ’nuair a rainig iad Sidni Tuath, agus ’nam biodh an turus beagan na b’ fhaide, bhiodh e mach buileach. Shoirbhich leotha air an turus gu math. Fhuair iad an dreag (meteor) mhor a bha aig Cape York a thoirt dhachaidh leotha. Tomhaisidh i faisg air ceithir fichead tunna, agus thatar ag radh gu ’n do thairgeadh coig mile fichead dolair do Pheary air a son le muinntir tigh-ioghnaidh ann an New York. Bha àireamh de dh’ Escimos aca air bord, a tha dol a bhi anns na Staitean fad a’ gheamhraidh; tillidh iad d’ an dùthaich fhéin air an ath shamhradh còmhla ri Peary, a tha cur roimhe sgriob eile thoirt d’ an àirde Tuath. Luchd-leanmhuinn Bhudda. Tha luchd-leanmhuinn Bhudda ’n an daoine tuigseach. Dh’ fhaodadh iadsan le firinn labhairt rinn mar so. Tha sibh a’ cur a’ chreidimh Chriosduidh d’ ar ’n ionnsuidh-ne, agus mu’n urrainn duinn creidsinn ann feumaidh sinn dealachadh ri iomadh ni a tha measail agus lauchmhor ’n ar sùilean. Ach gu dé tha sibh féin a’ deanadh? Tha sibh ag iarraidh oirnne dealachadh ri fasain agus cleachduinnean a bh’ aig ar n-athraichean romhainn fad iomadh linn, ach cha dealaich sibh féin ri cleachduinn sam bith a chuireadh air bonn le ’r n-athraichean. Gu de na tha sibh a’ toirt seachd d’ ar cuid a chum anama a shaoradh? Sgillinn no punnd Sasunnach! agus tha ochd fichead agus deich d’ ur n-eaglaisean nach ’eil a’ toirt seachad dad idir! Tha sibh ag ràdh gur cealgairean sinne. Ach tha sinn a’ toirt breth oirbh féin a réir ur deanadais agus tha sinn ag iarradh oirbh gu nochd sibh cumhachd a’ chreidimh Chriosduidh annaibh féin mu ’n tig sibh far am bheil sinne. POSADH. Ann an Sidni, air Di-màirt, an 21mh latha dhe’n mhios, leis an Urr. I. F. Forbes, Niall Mac Fhearghais, taillear, us Anna Nic Gillfhinnein, nighean do Dhonnachadh Mac Gillfhinnein nach maireann. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .30 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MACKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 102] [Vol. 6. No. 13. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 99.) Bha cuid ghathanan blàtha Ruigheachd àraidh gach glinn. Sud a mhaduinn bu chiuinn leam ’S an driuchd feadh an fheòir, ’Na ghriogagan mìne Glan, riomhach gu leòir; Bha gach flùran a b’ àillidh A’ cur fàilt mar bu choir, Air a’ mhaduinn ghil, àluinn ’Bha toirt cail dhaibh ’us treoir. Bha na h-eoineanan beusach ’Cur an céill an cuid rann, Iad gu h-ioraltach, spòrsail, Air feadh ògan ’us chrann; Dh’ éirich m’ inntinn le sòlas, Dh’ fhalbh gach bròn ’uam ’san àm; Chaidh gach trioblaid air diochuimhn’, ’Sa h-uile deuchainn a bh’ ann. Bha sinn a nise teannadh air ait’ a’ phic-nic, agus b’ fheudar sgur. “’S fhada bho ’n chuala tu Mhàiri,” arsa mi-fhéin, “na ’m bitheadh an t-earball na bu ruighne, bhiodh an sgeulachd na b’ fhaide.” “Cha deachd! Cha deachd!” thuirt Màiri, “agus tha mi ’n duil, ‘gu ’r ceannachd air an ubh a’ ghogail.’” Bha so searbh ri eisdeachd, ach b’ fheudar cur suas leis. Cheannaich mi tickets bho fhear de na gillean beulach a bh’ ann am bothan beag ri taobh an rathaid, ach spion fear laidir, ruadh bhuam iad aig a’ gheata. Theann mi ri greadadh thoirt air airson mar a rinn e; ach leis cho éibhinn ’s a labhair am fear leathainn, glas a bha na sheasamh comhla ris, smaointich mi gu ’m bu cho math dhomh cumail air adhart gun ghuth a ghràthainn. Rainig sinn a’ làrach. ’S e àite cho freagarrach airson pic-nic ’s a chunnaic mi riamh; cnoc ard, fradharcach air baile Mhr. Collins, beagan cheudan slat o’n abhainn. Ma ’r coinneamh agus lamh ruinn bha ’n eaglais agus tigh an t-sagairt, agus dlùth dhaibh chiteadh bailtean nan Camshronach, Cloinn-Phàrlain, ’s nan Domhnullaich le ’n cuid intervallan bòidheacha, gorma, ’s le ’n talmhanan arda, socrach, réidh. Air ar culthaobh, agus ann an astar, chiteadh na cnocan arda sin a tha deanamh na crìch eadar an cobh ’s an abhainn. Sios oirnn, thogadh an t-sùil cùrsa na h-aibhne gu dlùth do na Forks; air a laimh so tha dachaidhean nan Coadys, na Siosalaich, nan Caimbeulaich, is feadhainn eile. Suas oirnn, chiteadh aiteachas na h-aibhne gu faisg air crioch a pharaisde; air a laimh so shuidhich moran de Chloinn Illeolain, Cloinn Illeas, Dughallaich agus caochladh fhineachan eile. Fhad ’s a bha mi ’gabhail beachd air suidheachadh an aite, bha ’n sluagh a tigh’nn bho gach rathad ’nan ceudan. Bha gach ullachadh air a dheanamh air an son. Chruinnich iad as gach sgire eadar an Gut agus Cheticamp, ach bha a mhor chuid dhiubh á Mabou, Broad Cobh, Loch Ainslie agus as na Margarees. Bha iad ann dheth gach aidmheil, a h-uile h-aon toileach airgiod a chosg agus cuideachadh ’thoirt seachad. Bha sia buird-bhidhe ann air an cuir ’an deagh ordugh. Shuidh buidheann againn mu aon-uair-deug, agus da rireadh ’s e duine gle ailleasach, iongantach, nach cordadh a chuis ris. Bha beagan ann, an deigh mheadhon-latha, a bha talach ’s a gearain nach faigheadh iad a stigh; ach ciamar a b’ urrainn do chor ’s da cheud deug suidhe aig an dinneir cearta cruinne comhladh? Cha robh doigh air; agus leis a sin, ’s fheudar lethsgeul a ghabhail air son an luchd frith ealaidh, bha iad a’ deanamh an dichioll. Tha siorramachd Inbhirnis ainmeil airson a luchd ciuil, agus mar sin cha robh gainne phiobairean no fhiodhlairean oirnn. Bha ’n ceol ro-mhath. Bha coig platforms dhannsa ’s a phairc, agus chaidh an cumail ’n an siubhal. Bha ’n dannsa Gaidhealach is Gallda, min is garbh, math is dona. Fhuair an t-oigridh an leoir de cheol ’s do dhannsa co-dhiu, agus shaoilinn nach iarradh iad gu frolic gu ceann beagan sheachduinean. Bha dreallag mhor air a suidheachadh ’am meadhon na pairce anns am faodadh da chàraid suidhe ma choinneamh a cheile gu toilichte; bha “bowls” ann an aite eile far am faigheadh fear no té a bhiodh seolta gus an ruidhleadh, cothrom air cigar a chosnadh; faisg air laimh bha bataichean air an robhas a’ tilgeil fhàineachan leis am faodadh neach ealanta milseanan a bhuannachd; bha “cuibhl’ an fhortain” no a mhi-fhortain ann; ’an taobh na pairce, bha inneal air a shuidheachadh a dh’ innseadh do ’n fheadhainn aig an robh barail laidir orra fhein co miad punnd a thogadh iad; ach am measg gach fearras-chuideachd a bh’ ann, ’s i “Chailleach-dhubh,” air an robhas a’ tilgeil nan saighdean, dha ’n d’ thug mi ’n t-urram. ’N ’am buaileadh tu ’san t-sroin i, ghluaiseadh clag beag air cùl a cinn, agus bha so na chomharradh gu ’m b’ airidh thu air duais; ach cha mhor dhuaisean a fhuair mise, ged ’s iomadh saighead a thllg mi! Bha sluagh eireachdail cruinn; bha iad modhail, siobhalta, toilichte mar bu choir. Dh’ amaiseadh daoine ort ’n am measg cho Gaidhealach ri fad mòine, agus feadhainn eile cho Gallda ri bicycle. Bha gillean deas, direach, aigeannach ann a bhitheadh ’n an onair do reiseamaid Ghaidhealaich ’s am bith; bha nigheanan òga ann cho cumhachdail, cho malda, ’s cho briagha ’sa dh’ imich fraoch no choisich sraid agus,—ach fhir-dheasachaidh, cha ’n abair mi ’n corr mu ’n deibhinn; eadar mis’ a’s sibhse, cha toil le Màiri mi bhi ’gràthuinn na h-urad mu na caileagan,—’s e “sgleogaireachd” an t-ainm a th’ aic air a leithid de sheanachas. Chaidh am pic-nic seachad; tha sluagh a bha cruinn an sud gle sgapte an diugh; cha bhi iad comhla gu bràth tuilleadh an taobh so de ’n uaigh; cha lugha na sgal na trompaide a’ tighinn as na speuraibh a chuireas cruinn iad a rithisd; ach anns na bliadhnachan gu tighinn, ’s ann le toil-inntinn ’us gradh a sheallas sinn air ais air an da latha sin, a bha sinn cho aighearach, sunndach a measg ar càirdean is luchd-daimh air pic-nic an t-So’-West. MURACHAN. Sept. 13mh, 1897, Seann Eachdraidh Leodhais. Mu Eilean Rònaidh sgriobh Mr Martin mar so:—Tha Eilean Rònaidh tri fichead mile an Ear-thuath air rinn Neis an Leodhas. Fhuair mi cunntas mu’n eilean bheag so agus na cleachdaidhean a tha aca ann bho Mr. Dòmhnull Morrison, ministear, Bharbhais, an deigh dha tilleadh á Eilean Rònaidh a bhuinneadh dha ’san am sin mar chuid do dh’ fhearan na h-eaglais. An uair a chaidh mi air tir, ars am ministear, ghabh muinntir an eilean rium gle choimhneil agus labhair iad rium mar is gnàth leo a bhi a fàilteachadh choigreach. Gum beanaicheadh Dia thu fhir-thuruis. Is e do bheatha an so, &c. Dh’ fheumadh fear do mhuinntir an eileain cuir an ceil am meas mor a bha aca orm le car a chur timchioll orm deiseil, agus aig an dearbh am dha mo bheannachadh, agus a guidhe gach sonas dhomh. Chaidh iad comhla rium gus an tigh a chuir iad air leth dhomh airson fuireadh ann. Ann sin bha ciomball connlaich air an làr airson àite-suidhe. Mharbh gach teaghlach caora; mharbh iad cuig gu leir, b’e sin àireamh nan teaghlaichean. Bha craicionn nan caorach slàn agus feannadh balgain air a dheanamh orra. Air do na craicinn a bhi mar so air am feannadh bha iad air an lionadh gun dàil le min eòrna agus thug iad sin dhomh mar thiodhlac. Tha cill (chapel) an so air ainmeachadh air Naomh Ronan, agus tha balla cloiche timchioll orra, agus tha iad a gabhail cùram mor a bhi ga cumail grinn, agus glan, agus ga sguabadh gach là. Tha altair an sin air a bheil bòrd fiodha mu’n cuairt air deich troidhean air fad. Tha toll anns gach troidh dheth, agus anns gach toll tha clach agus tha buaidh air leth anns gach clach a reir beachd muinntir an eilein. Gach maduinn Sàbaid tha iad ag aithris anns a chill Urnuigh an Tighearna, a’ Chreud, agus na Deich Aitheantan. Cha’n ’eil fios aca air ni sam bith mu thimchioll airgid no oir, oir cha’n ’eil feum aca orra. Cha’n ’eil iad a ceannach na reic, ach ag iomlaideachadh na nithean a dh’ fheumas iad. Tha iad a tarruing an sloinneadh fo dhath nan speur, a bhogha-frois, agus nan neul. Cha’n eil ’san eilean ach cuig teaghlaichean, agus tha aig gach tuathanach tigh còmhnuidh, sabhal, tigh anns am bheil iad a’ gleidheadh na nithean is feàrr a tha aca, agus tha fosglan (porch) aig gach taobh dheth an dorus gu cumail air falbh an uisge, ’s an t-sneachd. Tha na taighean air an togail do chloich, agus air an tughadh le cònnlaich, a tha air a chumail sios le sioman connlaich a tha air a chumail ceart le clachan. Tha iad air an éideadh mar mhuinntir Leodhais, agus cha labhair iad ach Gaidhlig. [TD 103] [Vol. 6. No. 13. p. 7] Fo chionn ceithir bliadhna deug thainig sgaoth radan, gun fhios ciamar, air tir an Rònaidh agus dh’ ith iad suas na bha do dh’ arbhar anns an eilean. Beagan mhiosan an deigh sin thainig seòladairean air tir a thug bh’ uatha an tarbh. Thug am mi-fhortan sin agus cion cobhair á Leòdhas mu’n cuairt gu’n do bhàsaich an seann treubh dhaoine sin. Fhuaradh aon bhoirionnach agus leanabh ri taobh. Chuireadh beagan sluaigh a ris airson an t-àite a lionadh ach chaidh am bàthadh air an t-slighe. B’e sin an oidhirp mu dheireadh a thugadh air sluagh a chur do’n àite. An uair a thaghail Mr Morrison Rònaidh thainig duine og far an robh e le tastan a fhuair e bho sheòladair. Thuirt e ris gu’n robh e gun bhean agus gu’n robh e an dòchas gu’m faigheadh Mr Morrison bean dha ann an Leòdhas airson an tastain agus gu’n cuireadh e thuige i. An uair a thigeadh neach dhiubh air tir ann an Leòdhas, ni nach robh a tachairt ro thric, bha e ’gabhail iongantas mor na bha ann do shluagh. Bha toileachas mor orra an uair a chitheadh iad eich, agus air do fhear dhiubh each a chluinntinn a sitrich dh’ fhoighnich e an d’ rinn an t-each ud gàire ris-san. Mu thimchioll nan eileanan Flannach sgriobh Mr Martin:—An uair a rachadh muinntir an àite (Leodhas) air tir bheireadh gach neach an còmhdach dheth a cheann, agus chuireadh iad car deiseal a toirt taing do Dhia airson iad a bhi sàbhailt. Is e an t-eilean mòr an t-ainm a tha air an fhear is mo dhiubh. Tha làrach seann chill ann, a tha air a h-ainmeachadh air Naomh Flannan a tha toirt ainm do’n eilean. Is e eilean beag a th’ ann do dh’ eilean nan daoine beaga. Chithidh moran do chnàmhan a chladhach, nis coltaiche ri cnamhan dhaoine na ni feadhain sam bith eile. Thog so an inntinn an t-sluaigh am beachd gu’n robh aon uair daoine beaga a fuireach an so ris an canadh iad Lusbirdan (pigmies). Dh’ innis Alaistir Mac ’Illeathain a tha fuireach ann am Berneraidh mhor dhomh gu’n do thachair tràghadh neo-àbhaisteach bho chionn beagan bhliadhnaichean, nach facas a leithid roimhe sin no na dheigh. Thachair sin mu leth an earraich, agus chaidh a mhuir cho fada air ais agus gu facas balla cloiche anns an robh mu’n cuairt air dà fhichead slat air fad, agus an cuid do dh’ àitean cuig, sia, agus seachd troidhean air àirde. Bha iad a smuaineachadh gu’n robh moran eile dheth fo ’n mhuir. Bha e ag radh gu’n robh e gu cùramach air a thogail, agus gun teagamh sam bith obair lamhan dhaoine.—LEODHASACH ’sa Highland News. “Am Mac-Talla.” As a’ ‘Highland News.’ Tha sinn fior thoilichte gu’m beil ar caraid MAC-TALLA a rìs air teachd gu laimh. Litrichean caoimhneil o chàirdean an sid ’s an so, seanfhacail bhrìoghmhor, beachdan tuigseach mu nithibh àraidh a tha ’tachairt air feadh an t-saoghail, naigheachdan as gach ceàrn, orain ar dùthcha agus àr cinnidh o’n àm a bh’ ann ’s a tha, agus paipeireun ionnsaichte gasda làn foghluim do gach aon d’am meas eachdruidh agus cleachdaidh ar n-athraichean—tha so uile ’s an còr ri fhaotainn ’s a MHAC-TALLA. Na h-uile latha dha. Ma bhios toil aig ar luchd-leùghaidh am MAC-TALLA fhaicinn cuireadh iad fios chugainne. Fhuair MAC-TALLA am mach, mar a fhuair sinn fhein, gu’m beil Gaidheil ann agus Gaidheil eile. Leùghaibh so. “Sgriobh” ars’ MAC-TALLA “duine àraidh nach dean sinn ainmeachadh chugainn o chionn ghoirid ag iarraidh oirnn stad a chur MHIC-TALLA g’a ionnsuidh-san, agus ag iarraidh oirnn innseadh dha gu de uiread ’s a bh’aige ri phàigheadh dhuinn. ‘Cha’n ’eil mi smaoineachadh’ ars’ esan, ‘gu’n do phàigh mi o’n thòisich mi air a ghabhail coig bliadhn’ air ais, ach aon leth-dolar. Tha mi an dòchas gu bheil a’ chùis a’ soirbheachadh le MAC-TALLA gu math ’s gu bheil saoghal fada roimhe. Is mi do charaid dileas, &c., &c.’ Nach beag an t-ioghnadh ged a shoirbhicheadh le MAC-TALLA, ’s ged a dheanadh am fear a th’ air a cheann fhortan. ’N am biodh luchd-leughaidh a phaipeir so air fad cho dileas ’s cho dleasannach ris air duine so, nach i Ghàilig a bhiodh suas am bruthach!” Nach i gu dearbh arsa sinne. Aig àm na seilge anns a’ Ghaidhealtachd thog dà ghille gu braigh na dùthcha air toir ge b’e eun no ainmhidh a thigeadh ’nan slighe. Bha seann isneach aig aon diubh, ach ged a choisich iad astar fada cha’n fhaca iad ni sam bith beò. Thainig iad mu dheireadh an latha gu loch air an robh lachan a’ snàmhadh mu’n cuairt. Chaidh iad gu grad gu cùl cloiche a bha sin, agus thoisich am fear aig an robh an isneach air ullachadh gu am peilear a thilgeadh, ’nuair a mhothaich an gille eile nach robh glas air an isneach. “A ghille!” ars esan “cha’n urrainn duit losgadh, cha’n eil glas air an isneach.” “Bi sàmhach amadain!” ars am fear eile “cha’n eil fios aig na lachan air sin.” An do phàigh thu MAC-TALLA. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 104] [Vol. 6. No. 13. p. 8] Prionns’ Tearlach a’ Dealachadh ri Floraidh Dhomhnullach. LE D. B. MAC LEOID. ’Dh’ionnsuidh cladach a’ chuain, Ri fuar-ghaoth an anamoich, Thainig Teàrlach gun dealradh, Air alaban ’s e sgìth; Cha robh reul air a bhroilleach, No freiceadan a’ falbh leis Ach ainnir nan gorm-shul Bu dealbhaiche lìth: Mar dhaoimean ’san oidhche Bha ’mhaighdean fo thùrsadh, ’S i craiteach thaobh Thearlaich Bhi fàgail a dhùthcha; Bu chianail a h-osna, ’S bu ghoirt deòir a sùilean, ’N uair chunnaic i ’n iùbhrach A dlùthadh ri tìr. Bha ’ghealach a’ snàmhadh Thar àirde nan stùc-bheann, ’S a gathannan siùbhlach Air dlùth-thonna ’leum; Ach ghrad thug i ’n aire, ’S mar oigh air a ciùradh, Chuir sgàil air a gnùis ghil Do thiugh-neòil nan speur; A’s dh’fhalaich na reultan Iad féin anns a’ ghorm-bhrat— Bha osna na gaoithe ’Trom-chaoidh na bha ’falbh leath’; ’S b’ e gearan a’ chuain ’An àm bualadh ri garbh-chreig— “Mo leir chreich! an Albainn ’S ann mharbhadh na tréin!” Sheas Flòraidh a’s Teàrlach Air tràigh nan tonn caoir-gheal, ’S bu reub-chridheach, aog-neulach ’N aogas le cràdh— Cha robh focal o ’m bilibh Ach sileadh gun fhaochadh, ’S iad aodann ri h-aodann Air glaodhadh le gràdh; Ach thainig a’ bhìrlinn— ’S i ’n ribhinn a thòisich, Le brist-ghuthan anamhunn Air seanachas gu dòimheach, Mar chlarsach ’s a teudan Gun ghleusadh, gun òrdugh, Bha reult nam ban oga Fo dhòlum ’s fo spàirn. “A Thearlach mhic Sheumais, Ic Sheumais nan cùirtean, Mo leònadhl do chrùn Bhi air umpaidh gun euchd; Mo leònadh! na treun-laoich Cha’n éirich, ’s cha dùisg iad A trom-chadal duint shùileach Udlaidh an éig! Cha ghlac iad an lann Anns a’ champ’ ri uchd nàmhaid— Cha sgap iad fir Shasunn Mar asbhuain ’s na blàraibh— Cha ’n fhaic iad do bhratach, ’S cha ghlac iad air làimh thu— Ni ’n saile ’s am bàs ’Ur fad-fhagail o chéil’! “A Theàrlaich mhic Sheumais, Ma dh’ fheumas tu triall uainn’ Gu’n coimhead Mac Dhia thu Bho fhiaclan nan daoi! Gu’n stiùr e an iùbhrach Air dlùth-thonna liath-ghlas, Gu reidh-shligheach, dian-shiubhlach, Fior-luath gu tìr! Gu’m boillsg anns an oidhch’ ort Na soillsearan néamhaidh, Gu h-iùlmhor ’g a d’ ghiùlan Do dhuthaich ’s nach fheum thu, Bhi ’n ad fhògarrach brònach Fo chòmhdach mar reubal’ Aig allmharraich éitidh Neo-spéiseil ’n an crìdh’. “O Albainn! tha ’n t-àm aig Do cheann-sa ’bhi ’dórtadh, ’S do Phrionns uait air fògradh, ’S do laochraidh ’s an uaigh! Biodh crònan do phìoban A’ sìor dhiùltadh ceòil duit, ’S do chlarsairean rò-mhilis Dòimheach gach uair; Biodh cruitearan sgiathach Nam fior-chrannaìbh samhach— Cha dòirt iad an ceileir ’Am broilleach mo Theàrlaich— Cha dùisg iad na treun-laoich A dh’ eug anns an àrfhaich’— ’S cha mhosgail o ’n bhàs iad Air àirdead am fuaim!” Ach stad i—’s le ’ròs-bhilean Phog e a’ mhaighdeann, A’ siabadh gu caoimhneil Nan deura’ o ’sùil, “Glas sòlas a Fhlòraidh Tha òganaich Fhrangach A dh’ éireas neo-ghann leam A bhuannachd mo chrùin: ’S tha lasgairean anaghlonnach ’N Albainn a dhùisgeas, Le’n trusganan balla-bhreac, ’S le’n armaibh math, dùbhailt’, Théid cath-thromp nan garbh-chrioch Le bord-sgread gu bùirich, ’S bidh trupairean crùbach Gun lùgh’s anns gach cùil!” Dh’ fhàg e i ’caoineadh ’Na h-aonar air tràghaid, A’s sheol e ’s a’ bhàt’ uaip’ A’ fàsgadh nan dòrn; Bha ’cliabh air a lìonadh Le h-iarguin los sgàineadh, ’S i airsnealach, ànrach, Gun mhànran, gun cheòil. Laidh braona na h-oidhch’ Air a’ mhaighdinn ghlain, àluinn Bha h-inntinn gu luaineach Air chuan mar ri Teàrlach— Cha’n fhac i e tuille Chum na builean a phàigheadh; Ach mheudaich a gràdh dha Gach là bha i beò. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St Boston, Mass. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. FLUR AGUS MIN direach as na muillnean. (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.) TI, SIUCAR, TOMBACA, etc. Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID. ALASDAIR MARTUINN. Sidni, C. B., Sept. 1, 1897. [TD 105] [Vol. 6. No. 14. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 1 OCTOBER, 1897. No. 14. Domhnull Mac Dhomhnuill. SEANN GHAIDHEAL FIACAAIL. (Eadar. le “Iain Dubh.”) Tha sinn uile riaraichte le Bòrd na Sgoil, agus leis na toraidhean a lean e ann a rathad a bhi leasachadh suidheachadh inntinn ar rìoghachd, ach tha aon chrìoch aig na h-atharraichean sin is dòcha, tha na aobhar duilichinn, ’se sin nach bidh aig an ath ghinealach a h-aon de na “priomh fhiùrain” gu sealltuinn air ais orra—a h-aon dhe ’n ghnè sin a bheireadh an deanadas, agus am briatharan fiamh-gaire eadhon air aghaidhean smuairneanach a naoidheamh ceud deug bliadhna so. A nis ’sann an àitean dùthchail a mhàin bu dòcha sinn tighinn tarsuinn air a h-aon dhe na fiùrain sin, eadhon anns na h’àitean sin féin tha iad gu luath ’dol as an t-sealladh. Ann am baile beag, dlùth air a’mhuir agus nach ’eil ceud mìle o Ghlaschu, tha fhathast a làthair, samhla fìorghlan de Ghaidheil chiatach na linn a dh’ fhalbh. Labhraidh sinn uime fo ’n ainm Dòmhnull Mac Dhòmhnuill. Bha Dòmhnull air a chleachdadh ri iomadh seòrsa obair na latha, uairibh na iasgair, na chìobair, na ghàradair, na chùiltear, na chairtear, na chroitear agus cha ’n eil ach aig Dòmhnull féin fios gu de eile. An doigh beothachd a tha aig a nis, cha ’n eil fhios aig neach sam bith. Cha ’n eil teachd a steach aig, ach na bheir dusan na dha de chearcan dha, agus toradh àradh beag, a tha mu ’n t-seathamh cuid deug do dh’ acair a mheud. Anns an lios so tha e ’cur urad do chàl ’s de bhuntàta ’sa chumas e, agus ré an t-samhraidh cha ’n ’eil dad aige ra dheanamh ach sealltuinn air a fas. Fhuair e ’mach nach ’eil an talamh anns a’ ghàradh ro thorach, air an aobhar sin tha e ’g radh, nach bi e aig an dragh a bhi ’cur dad ann an ath bhliadhna. Ge b’e air bith mar ’tha teachd-an-tir Dhòmhnuill tha roinn mhath do neo-eiseamaileachd aige. Air oidhche àraidh, bha e ann a h-aon de charbadan a’ bhaile, agus thairg òsdair a mhuinntir a’ bhaile am faradh aige a phàigheadh. “Cha phàigh! Cha phàigh!” arsa Dòmhnull, “’nuair nach eil da sgillin agamsa dhe mo chuid fein, thig mi far a bheil thusa;” agus riathraich e ’inntinn le fharadh fhéin a phàigheadh. A dh’ aindeoin a chòrr agus a dheich agus a thri-fichead bliadhna a dh’ aois, cha chuir suidheachadh na h-aimsir cùram sam bith air. Bitheadh an t-uisge cho trom ’sa thogras e, fàiltichidh Dòmhnull thu le—“Tha latha briagha ann.” Cha ’n eil teagamh sam bith nach eil a’ Ghaidhlig ann an Dòmhnull gu cnaimh an droma, ni a dh’aobhraich sgaradh a dhol na cheangal ris an eaglais. Chaidh an t-Urr. Mr Mac Scread a shuidheachadh mar mhinistear ann an sgireachd Dhòmhnuill; cha ’n e gur ann air a bu mhodha déigh an t-sluaigh, ach a chionn gu robh e comasach air Gàidhlig a shearmonachadh, an car bu lugha, aon uair a h-uile sàbaid. O’ chionn deich bliadhna air ais chur an t-Urr. Mac Scread a’ Ghaidhlig air chùl buileach glan; agus gus an tòisich e oirre ’rithist, seallaidh Dòmhnull air mar ni nach fhiach an t-saothair. A bhàrr air a sin mar a thuirt e féin a latha roimhe, “’S gann gur fhiach dhuit dol do ’n eaglais air son fhad sa chumar thu, tha thu direach a dol a stigh, ’sa mach air ball; sin uile e. Cha ’n eil iad coltach ris na laithean a dh’ aom!” Tha beachdan Dhòmhnuill tur eadar-dhealaichte o bheachdan luchd-eisdeachd an latha ’n diugh a thòisicheas air meuranaich, mu ’n gann ruigeas am ministear “’san dara h-àite.” Tha gràdh mor aig Dòmhnull d’a dhùthaich—na dhoigh fhéin—O chionn ’dha na trì bhliadhnachan bha ’m baile anns a bheil e ’chomhnuidh ann an troi’-cheile mhòr a thaobh an réis ’bha gabhail àite eadar am “Britania” agus an “Vigilant.” Cha robh ach roinn dhe ’n chùrsa faicsinneach o’n bhaile, agus bha na sgothan-luingeanach co-strigheach a nis air dol as an t-sealladh. Thàinig fios-dealan a dh’ ionnsuidh a bhaile gu robh ’n ceum-toisich aig a ’bhàta Americanach le leth-cheud slat. Bhuail a naigheachd so na daoine ’bh’ air cruinneachadh air a chladach le uamhas, ach ’s e thuirt Domhnull ’s e toir cloimhteachadh air féin: “Cha ’n ’eagal di! Cha ’n ’eagal di!” “Ach ’s e ’a fhirinn a th’ ann a Dhomhnuill gu bheil am ‘Britania’ a càll.” “Cha ’n ’eagal di!” “Sin agad ma tha a ‘Vigilant’ ’tighinn timchioll an rudha ’n toiseach agus faic air do shon féin.” “Cha ’n ’eagal di!” agus choisich e air falbh air eagal am bàta Breatuinneach fhaicinn air a’ beatadh. Na ’m bitheadh sùil chàm aige ’s ann rithe ’chuireadh e a’ ghloinne-amharc mar a rinn Nelson ainmeil roimhe, agus a thuirt e, “Cha ’n eil mi ga faicinn.” Gu seabhach an ath uair a thainig iad timchioll an rudha bha ’m “Britania” air thoiseach. Air cho gràdhach ’s gu bheil Domhnull d’a dhùthaich cha do shòr e beagan cùiltearachd a dheanamh ann a laithean òige. Aig an àm so bha e ’chomhnuidh far an d’ rugadh e—ri taobh Loch Fìne, ’s bha e air mhùinntearas aig tuathanach. Bha muillear anns an àite bha deanamh beagan gnothaich leis a “phoit-duibh,” gun teagamh, air a chomhnadh leis na tuathanaich anns a’ choimhearsnachd. Chuir mhaighistir Dòmhnull latha air falbh thun a mhuillean le cairt do bhraich, air a chomhdach le gràn air son daoine a mhealladh. Bha Dòmhnull gu math sùnndach air an rathad ’nuair a thachair Gàidsear ris ’se marcachd. ’Se their Dòmhnull ris “an supervaesor.” Na lean, bheir sinn seachad e na briathran féin. “C’ àite a bheil thu dol,” ars an supervaesor rium féin. “Thun a mhuileann,” ars a mise. “Gu de ’th’agad anns a’ chairt?” “Tha gran.” “Se mo bharail gu bheil barachd as sin agad,” ars esan, “chi mi air mo shon féin,” ’s e leum ’sa breith air ceann an eich. “Leis às ceann an eich agamsa.” “Cha leig.” “Mur ’leig, ni thu nas miosa dhuit fein.” “Cha dean mi,” ars’ an gàrlach. “Ma tha gabh sin,” ars a mise, ’s mi toirt gleadhar do ’n chuirp dha, ’us thilg mi e ann an clais an rothaid. Mach a ghabh an teach aige rathad eile. Sin agad, arsa Domhnull, ’s e caogadh an t-sùil, ’sa deanamh gnogadh beag le cheann, an dòigh air na supervaesors. Ma ’n d’ fhuair an gàidsear greim air an each ’se féin a chur air bha Domhnull còir air tilleadh o ’n mhuileann an deigh a bhraich a thasgadh suas far nach fhaigheadh duine e ach e féin air neò am muillear. Bha aig Dòmhnull a bhi làthair uair, mar fhianuis, aig cùirt a thaobh sabaid a ghabh àite. Dh feuch am fear-lagh ’bh’air an taobh eile ri fianuis Dhòmhnuill a chur bun os cionn le ath-cheasnachadh. ’N uair a chunnaic e nach rachadh aig air, thoisich e air tarsuinn às dh’ feuch an deanadh e mach air gu robh e air mhisg ’nuair a ghabh a ni àite; ach bha Dòmhnull cho seòlta ris. B’ feudair dha ’n t-siorram a ghabhail an laimh. (Ri leantuinn.) Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. [TD 106] [Vol. 6. No. 14. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. XIV. An uair a chuir an dara caladair crioch air a naigheach, thuirt Sobaide ris, “Tha h-uile cuis ceart; faodaidh tu a bhith falbh agus do rogha rathad a ghabhail. Ach an aite falbh is ann a ghuidh e oirre gu’n leigeadh i leis fuireach gus an cluinneadh e eachdraidh nan daoine eile a bh’ anns an t-seomar. A uair a thug Sobaide cead dha fuireach, shuidh e ann an aite air leith. An uair a thoisich an treas caladair ri eachdraidh a bheatha fhein innseadh thuirt e:—“A bhaintighearna urramach, tha m’ eachdraidh-sa gle neo-choltach ris an da eachdraidh a chuala sibh a cheana. Chaill an da phrionnsa a dh’ innis an eachdraidh an leith shuil le mi-fhortan a thainig ’nan rathad ’s gun choire sam bith aca fhein ris, ach chaill mise mo leith shuil le mo choire fhein, mar a thuigeas sibh an uair a chluinneas sibh m’ eachdraidh. Is e Agib an t-ainm a th’ orm, agus is mac righ mi. B’e Casaib ainm m’ athar. An deigh bas m’ athar bha mise ’nam righ, agus bha mi ’gabhail comhnuidh anns a’ bhaile anns an robh m’athair a’ gabhail comhnuidh romhan. Tha ’m baile ri cois a’ chladaich agus tha acarsaid ann cho farsuinn ’s cho safhailte ’s a gheibhear anns an t-saoghal. Tha arm-lann anns an acarsaid so anns an togtadh ceud gu leith long-chogaidh, leith cheud long air son giulan bathair, a bharrachd air moran de shoitheachan eile, beag is mor de gach seorsa. Tha mo rioghachd gu math farsuinn, agus tha aireamh mhath a dh’ eileanan mora innte, agus tha iad uile ann an sealladh a’ cheanna-bhaile. An uine ghoirid an deis dhomh a bhith air mo dheanamh ’nam righ, chaidh mi air feadh gach cearn de’n rioghachd a chum gu ’m faicinn an sluagh, agus gu’n deanainn gach ni a ghabhadh deanamh gus toirt orra a bhith umhail agus dileas dhomh. ’Na dheigh sin an uair a fhuair mi an cabhlach gu leir a chur ’na lan uidheam, sheol mi do na h-eileanan gu eolas a chur air an t-sluagh a bha ’nan comhnuidh annta. An ath bliadhna rinn mi a’ cheart ni. Thug so orm tlachd a ghabhail ann a bhith ’seoladh. Mu dheireadh, bhuail e anns an inntinn agam gu’m bu choir dhomh falbh feuch an tachradh eileanan eile rium gus seilbh a ghabhail orra, agus mar so mo rioghachd a mheudachadh. Fhuair mi deich longan-cogaidh fo’n lan uidheam, agus sheol sinn. Fad shia seachdainean bha soirbheas againn cho fabharrach ’s a dh’ iarramaid. Ach ’na dheigh sin sheid stoirm laidir ’n ar aghaidh fad latha ’s oidhche, agus cha mhor nach deachaidh ar call. Ma shoilleireachadh an latha thuit a’ ghaoth, agus thainig a’ ghrian ris gu briagha. O’n a thachair dhuinn aig an am a bhith faisg air eilean mor, dh’ acraich sinn dluth dha, agus thug sinn uisge agus biadh air bord. An ceann da latha sheol sinn. An ceann deich latha an deis dhuinn seoladh bha suil am mach againn feuch am faiceamaid fearann; ach cha robh fearann ri’ fhaicinn. An uair a chunnaic mi nach robh cuisean air thuar a dhol leam cho math ’s a bha mi ’n duil, thug mi ordugh tilleadh dhachaidh. Ach thuig mi gu’n do chaill sinn ar cursa. Air an latha sin fhein chuireadh fear de’n sgiobadh suas do’n chrann-mheadhain feuch an deanadh e am mach an robh sinn faisg air fearann. An uair a thainig e ’nuas, thuirt e nach robh coltas fearainn ri fhaicinn taobh sam bith; “ach tha mi,” ars’ esan, “a’ faicinn meall mor dubh ’nar deigh.” An uair a chual’ am fear-iuil a bh’ againn air bord na briathran so, dh’ fhas ’aghaidh cho geal ris an anart. Le a leith laimh thug e a bhoinneid bhar a chinn agus bhuail e air an dec i, agus leis an laimh eile thoisich e ri bualadh ’uchd agus ri radh, “Tha sinn caillte! Cha teid a h-aon dhinn as! Agus tha e neo-chomasach dhomhsa an cunnart a sheachnadh.” An uair a thuirt e so bhuail e air gul ’s air caoidh, mar dhuine a bhiodh a’ faicinn gu’n robh e dluth air bas obann. An uair a chunnaic sgiobadh na luinge an suidheachadh anns an robh e, chaidh iad uile air chrith leis an eagal. Dh’ fheoraich mi dheth c’ ar son a bha eagal cho mor air; agus thuirt e rium gu’n d’ fhuadaich an stoirm cho fada bhar ar cursa sinn ’s gu’n robh sinn tuilleadh is dluth air na beanntan dubha. “Anns na beanntan so,” ars’ esan, “tha moran de chloich dhaoimein, agus mu’n am so am maireach an uair a bhios sinn air ar tarruinn gu math dluth dhaibh, tairnidh a’ chlach dhaoimein so a h-uile tairing iaruinn a th’ anns na longan am mach asda, agus theid iad ’nam bordan beaga, agus bidh sinn uile air ar call. Tha taobh nam beanntan so luma lan de thairnean a bh’ anns na longan a bh’ air am bristeadh orra a chionn iomadh linn. Mar is mo a bhristear de shoithichean air cladach nam beanntan so, is ann is mo a bhios de chumhachd tarruinn aca air soithichean eile. “Tha garbhlach anabarrach mor air taobh a’ chuain de na beanntan so. Air mullach te dhiubh tha taigh umha air a thogail air am bheil mullach cruinn. Air mullach an taighe so tha each umha ’na sheasamh. Air muin an eich so tha marcaiche ’n a shuidhe, agus air an uchd aig a’ mharcaiche tha uchd-eideadh luaidhe air am bheil facail dhraoidheachd sgriobhte. The e air aithris gur e an t-each agus am marcaiche an t-aobhar sonraichte air son gu’m bheil na h-uiread de shoithichean air am bristeadh agus de dhaoine air am bathadh air cladach na beinne, agus gu’m bi an call so a tachirt gus an leagar an t-each agus am marcaiche bhar mullach an taighe.” An uair a chuir am fear-iuil crioch air na briathran so, thoisich an sgiobadh ri gul ’s ri caoidh maille ris. Bhi mi ann an lan dhuil gu’n robh crioch mo bheatha dluth air laimh. Anns an am thoisich a h-uile fear a bh’ air bord ri deanamh deiseil air son a bheatha fhein a shabhaladh, nan gabhadh sin deanamh. Rinn gach fear dileabach de’n fear eile, a chum gu’m biodh cuid an fhir mhairbh aig an fhear bheo. Anns a’ mhadainn an la-iar-na-mhaireach bha sinn gu math dluth do na beanntan, agus chuir na chuala sinn mu’n deidhinn am barrachd uamhais oirnn. Mu mheadhain latha bha sinn cho dluth orsa ’s gu’n do lan-chreid sinn gu’n robh na dh’innis am fear-iuil dhuinn mu’n deidhinn fior gu leor. Thoisich gach tairig agus gach iarann eile a bha anns na longan air leum asda gu cladach na beinne. Mu dheireadh sgaoil iad ’nam bhrdan as a cheile, agus chaidh iad fodha. Bhathadh a h-uile duine ach mi fhein. Ach bha Dia trocaireadh dhomh, agus thachair gu’n d’fhuair mi greim air maide mor a chum an uachdar mi. Beag air bheag chuir a’ ghaoth mi fhein ’s am maide gu tir aig bonn na beinne gun bheud a dheanamh dhomh. Ged a bha’n cladach garbh, creagach, anabarrach doirbh ri ’dhireadh, thachair gu’n deachaidh mi air tir ann an aite anns an robh e rud eiginn furasda dhomh a’ bheinn a dhireadh. An uair a chunnaic mi so thug mi taing do Dhia, agus dh’earb mi-fhein ris. Thoisich mi ri direadh na beinne, ach ma thoisich cha robh sin furasda dhomh a dheanamh. Cha robh bileag fheoir ri fhaicinn o bhonn gu mulladh na beinne; cha robh anns a’ bheinn ach clach dhubh, chruaidh, shleamhuinn; agus chuireadh an oiteag ghaoithe lu lugha bhar mo chas mi iomadh uair. Ach a dh’olc no dh’eiginn gu’n d’ fhuair mi rainig mi mullach na beinne ma dheireadh. Chaidh mi steach do’n taigh, agus air mo ghiuinean thug mi taing do Dhia air son cho trocaireach ’s a bha e dhomh. Chuir mi seachad an oidhche anns an taigh. Chaidil mi gu trom; oir bha mi gle sgith. Chunnaic mi bruadar iongantach. Ar leam gu’n d’ thainig seann duine liath, air an robh coltas siobhalte, far an robh mi, agus gu’n dubhairt e rium, “Eisd rium, Agib; cho luath ’s a dhuisgeas tu, cladhaich an talamh aig do chasan, agus gheibh thu fo ’n talamh bogha-saighead umha, agus tri saighdean luaidhe a rinneadh fo runnagan araid a chum an cinne daon a shaoradh o iomadh trioblain do ’m bheil iad buailteach. Tilg na tri saighdean air an iomhaidh duine a th’ air muin an eich, a th’ air mullach an taighe. Tuitidh an t-iomhaidh so sios do’n chuan; ach tuitidh an t-each-umha air do bheulaobh. Feumaidh tu an t-each so a thiodhlacadh anns an t-slochd as anns an cladhaich thu am bogha-saighead agus na saighdean. Cha luaithe a ni thu so na thoisicheas am muir ri at ’s ri eirigh suas ri taobh na beinne gus mu dheireadh an bi e cho ard ri urlar an taighe. An uair a bhios am muir cho ard sin, chi thu bata beag, a’ tighinn an taobh a tha thu, agus coltas aon duine innte, agus e [TD 107] [Vol. 6. No. 14. p. 3] ’g a h-iomradh le romh agus gach laimh. Cha’n e duine a th’ ann, ach iomhaidh duine air a dheanamh de mhiotailt araid. An uair a thig am bata gur tir air do bheulaobh, theid thu gun dail a steach innte. Ach thoir do cheart aire nach ainmich thu ainm Dhe fad ’s a bhios tu air bord innte. Ann an deich laithean bheirear thu a dh’ionnsuidh aite anns am faigh thu cothrom air a dhol gu sabhailte do d’rioghachd fhein. Ach cuimhnich nach toir thu guth air ainm Dhe fad na h-uine; ma bheir, cha ruig thu do rioghachd fein gu brath.” Thug am bruadar so, an uair a dhuisg mi, misneach mhor dhomh. Gun dail sam bith chladhaich mi anns an talamh aig mo chasan far an robh mi nam laidhe. Fhuair mi am bogha-saighead agus na tri saighdean mar a thuirt an seann duine rium. Thilg mi na saighdean air an iomhaidh a b’h air muin an eich umha, agus leis an treas saighead leag mi e. Thuit e car ma char sios leis a’bheinn agus chaidh e as mo sealladh anns a mhuir. Thuit an t-each mar an ceudna air mo bheulaobh, agus gun dail sam bith thiodhlaic mi e anns an t-slochd as an d’ thug mi am bogha-saighead agus na saighdean. Mar a thuirt an seann duine rium, thoisich am muir ri at beag air bheag gus mu dheireadh an robh e cho ard ri urlar an taighe a bh’ air mullach na beinne. Thug mi an aire anns an am gu’n robh am bata tighinn ’s a’ deanamh direach aire an aite anns an robh mi, agus thug mi taing do Dhia a chionn gu’n robh mi air thuar faotainn as an aite mhi-fhortanach anns an robh mi. Mu dheireadh, an uair a thainig am bata gu tir air mo bheulaobh, chunnaic mi gur e iomhaidh duine de mhiotailt a bha ’ga h-iomradh, mar a dh’ innseadh dhomh anns a’ bruadar. Gun fhacal a radh chaidh mi air bord innte. Dh’iomair e air falbh o’n bheinn agus lean e air iomradh fad naoi latha agus naoi oidhche. Anns a’ mhadainn air an deicheamh latha, thug mi an air e gu’n robh sinn a’ diuthachadh ri fearann. Bha mi cho lan de ghairdeachas aig an am ’s gu’n do dhichuimhnich mi a’ chomhairle a thug an seann duine orm anns a’ bhruadar. Thuirt mi, “Beannaichte gu robh Dia! Moladh do Dhia!” Cha bu luaithe a thuirt mi so na chaidh am bata agus an duine miotailt fodha fo m’ chasan. Bha mi ’nam dheadh shnamhaiche agus o nach robh mi fada o thir thuirt mi rium fhein gu’n rachadh agam air tir a thoirt am mach. Ach cha robh sin cho furasda dhomh ’s a bha mi ’n duil. An uine ghoirid thuit doinionn gharbh agus tiugh-dorchadas air an fhairge gu leir. Cha robh fhios agam co an taobh air an tugainn m’ aghaidh; ach bha mi sior shnamh. Mu dheireadh thoisich mo neart ri mo threigsinn. Thug mi duil thairis gu’m faighinn gu brath gu tir. Ach sheid a’ ghaoth anabarrach laidir, agus dh’ eirich na tonnan cho ard ’s gu’n robh iad ’g am iomain gu tir gus mu dheireadh an do thilg iad air a’ chladach mi’ agus mi leith mharbh. Bha de mhothachadh annan na thug fa near gu’m faodadh sruladh nan tonn mo thoirt am mach a rithist, agus thug so orm gu’n d’ ealaidh mi suas gu braighe a’ chladaich. CAIB. XV. A reir choltais gu’n robh mi greis mhath ’nam chadal ’s an aodach fhliuch am braighe a’ chladaich; oir, an uair a dhuisg mi bha ’ghrian air eirigh gu math ard. Bha latha anabarrach blath, briagha ann, agus chuir mi dhiom mo chuid aodaich, agus sgaoil mi air thiormachadh e ris a’ ghrein. An uair a bha e tioram gu leor chuir mi umam e, agus dhirich mi suas o ’n chladach feuch ciod a chithinn. Cha deachaidh mi fad air m’ aghaidh an uair a chunnaic mi gu ’n robh mi air eilean beag, fasail, a bha gu math fad’ o thir-mor. Thug so mo mhisneach uam gu mor; oir ged a fhuair mi as gu sabhailte o chunnart na mara, cha robh e coltach gu ’n robh doigh sam bith ann air am faighinn as gus a dhol do mo rioghachd fhein. Ach o’n a bha pailteas de chraobhan-meas air an eilean, thuig mi nach fhaighinn bas leis an acras. Chuir mi mi-fhein air churam Dhe, agus ghuidh mi air gu’n deanadh e rium mar a chitheadh e iomchuidh. Aig a’ cheart am chunnaic mi long a’ tighinn o thir-mor a dh’ionnsuidh an eilean Thuig mi gu ’n robh ’nam beachd acrachadh aig an eilean; agus o nach robh fhios agam ciod e an seorsa dhaoine a bh’ annta, thuirt mi rium fhein gu ’m b’e an gnothach bu shabhailte dhomh cumail as an sealladh. Dhirich mi suas do chraoibh mhoir far am faicinn iad, agus far nach fhaiceadh iadsan mise. Thainig an long do bhagh beag a bha faisge orm, agus cha bu luaithe a chuireadh am mach an t-acaire na thainig deichnear gu tir. Bha spaidean is piocaidean aca, agus thuig mi gu ’n robh iad gus an talamh a chladhach an aite eiginn. Chaidh iad gu meadhain an eilean, far an d’ thug iad greis mhath air cladhach; agus ar leam gu ’m faca mi iad a’ togail lice bhar dorus-falaich. Thill iad air an ais thun a’ bhata, agus thug iad innsreadh agus biadh dhe gach seorsa gu tir, agus ghiulain iad e a dh’ ionnsuidh an aite anns an do chladhaich iad an talamh. Thug so orm a smaointean gur e taigh fo thalamh a bh’ ann. Chunnaic mi iad a’ tilleadh a rithist thun na luinge, agus thug iad gu tir seann duine agus gille og mu thimchioll choig bliadhna deug. Chaidh iad uile sios troimh an dorus-fhalaich, agus an ceann beagan uine thainig iad uile a nuas as an taigh fo thalamh ach an gille og. Thug so orm a smaointean gu ’n d’ fhag iad anns an taigh fo thalamh e, agus ghabh mi ioghnadh mor. Chaidh an seann duine agus an deichnear sheirbhiseach air bord agus gun dail sam bith sheol iad air falbh a dh’ ionnsuidh tir-mor. An uair a chunnaic mi gu ’n robh iad cho fad air falbh ’s nach tugadh iad an aire dhomh, thainig mi ’nuas as a’ chraoibh, agus chaidh mi far am faca mi iad a’ cladhach na talmhainn. Beag air bheag ghlan mi an talamh air falbh, agus leig mi ris clach a bha mu thri troidhean air gach rathad. Thog mi i, agus chunnaic mi gu ’n robh staidhre chloiche foidhpe. Chaidh mi sios, agus rainig mi seomar mor air an robh larbhrat, agus anns an robh uirigh a bha comhdaichte le brat a dh’ obair-ghreis ro ghrinn air an robh an duine og ’na shineadh, agus guite ’na laimh. Chunnaic mi so le solus nan coillnean ceireach a bha laiste anns an t-seomar. Ghabh an duine og clisgeadh an uair a chunnaic e mi. Ach air eagal gu ’n gabhadh e miapadh ro mhor, ghrad thuirt mi ris, “Ge b’e air bith co thu, na biodh eagal sam bith ort. Is righ mise, agus mac righ, agus uime sin cha dean mi cron sam bith ort. An aite cron a dheanamh ort is docha gu ’n do thachair dhomh tighinn an so a chum math a dheanamh dhut. Tha thu an so air do thiodhlacadh beo air son aobhair air am bheil mise an-fhiosrach. Ach is e a tha cur ioghnaidh orm (oir chunnaic mi gach ni a thachair o’n a thainig thu air tir do ’n eilean), c’ar son a leig thu leotha do dhunadh a steach an so gun chur gu laidir ’nan aghaidh.” Rinn an duine og faite gaire an uair a chuala e na briathran so, agus dh’ iarr e orm suidhe. An uair a shuidh mi thuirt e rium:—“A phrionnsa, tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut rud a chuireas ioghnadh anabarrach mor ort.” “Tha m’ athair ’na mharsanta-sheudan, agus leis cho glic, gleusda ’s a bha e ’dol an ceann a ghnothaich, rinn e fortan mor. Tha aireamh mhor sheirbhiseach aige, agus tha aige mar an ceudna fir-ionaid a tha ’deanamh gnothaich air a shon air muir ’s air tir ann an iomadh aite air feadh an t-saoghail. Agus tha e ’reic moran sheudan ri righrean ’s ri prionnsachan, agus ri ard-mhaithean gach rioghachd. “Bha m’ athair posda iomadh bliadhna mu ’n robh teaghlach aig. Ach chunnaic e bruadar o’n do thuig e gu ’m biodh mac aige, ach nach biodh a shaoghal ach goirid. An uair a dhuisg e bha e fo thrioblaid inntinn anabarrach mor mu ’n chuis. Mu’n am sin dh’ fhas mo mhathair leith-tromach ormsa, agus an ceann naoi miosan rugadh mi, agus a reir mar a chuala mi, bha gairdeachas nach bu bheag ann an taigh m’athar. Ghabh m’ athair beachd air a’ cheart mhionaid air d’ rugadh mi, agus gun dail sam bith chaidh e far an robh reuladairean ainmeil a bh’ anns an rioghachd feuch am faigheadh e ’mach ciod a bha gu eirigh dhomh. Thuirt iad ris mar so;—“Bidh do mhac beo, slan, fallain fad choig bliadhna deug, agus ma dh’ fhaoidte na ’s fhaide; ach aig aois nan coig bliadhna deug bidh e ann an cunnart mor gu ’n caill e a bheatha. Ma sheachnas e an cunnart mor so, faodaidh e bhith beo gus am bi e ’na fhior sheann duine. Is e am a’ chunnairt an t-am anns (Air a leantuinn air taobh 110.) [TD 108] [Vol. 6. No. 14. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 1 OCTOBER, 1897. Mar a tha fhios aig ar leughadairean mar tha, bha am Mòd Gàidhealach air a chumail am bliadhna ann am baile Inbhirnis, ceanna-bhaile na Gàidhealtachd. B’e so an siathamh uair a bha am Mòd air a chumail, agus ged a bha gach coinneamh roimhe cho math ’s gu ’n do riaraich iad na h-uile, cha robh aon diubh cho math no a thaitinn ris gach aon a bha làthair ri coinneamh na bliadhna so. Chaidh gach ni air adhart gu math, agus ’se barail nan uile gu bheil am Mòd an deigh Clanna nan Gàidheal a dhùsgadh suas gu bhi toirt am barrachd aire do chànain agus do cheòl an dùthcha. Air an turus so bha sia fichead punnd, no sia ceud dolair, air a thoirt seachad mar dhuaisean, air son leughadh, seinn, agus sgriobhaidhean Gàilig; bha ceud dolair dhe sin air a roinn eadar triùir mhaighstirean-sgoile, an triùir a b’ fhearr a rinn ann an teagasg na Gàilig anns nan sgoilean ré na bliadhna chaidh seachad. Bha an t-airgead air son sin air a chruinneachadh leis a’ Highland News, agus ’si ar barail fhéin gur e sin aon dòigh anns am faodar a’ Ghàilig a neartachadh gu mor, ’s tha sinn an dòchas gu leanar air. Faodaidh sinn tuilleadh a bhi againn ri radh mu ’n Mhòd anns an ath àireamh. Tha an t-ard-Riaghladair ’sa Bhain-tighearna gu tighinn do’n bhaile oidhche Di-màirt. Theid an toirt ann an carbad troimh ’n chuid mhor de’n bhaile, agus na saor-dhionadairean còmhla riu. Aig deich uairean Di-ciaduin, theid an toirt gu tigh-na-cùrtach far an cuirear fàilte orra an ainm a’ bhaile ’s na siosrachd. An deigh dhaibh cuairt a chur air a bhaile, falbhaidh iad gu Louisburg. Dior-daoin theid iad gu Sidni Tuath, agus a sin theid iad gus na Narrows Mhora, Baddeck, agus ma dh’ fhaoidte Hogamah. Bidh iad air taghal ann an Arichat ’s ann a Hawkesbury mu’n tig iad gu Sidni. Bidh Mr. Daley, Riaghladar Nobha Scotia, agus am Priomhair Murray, còmhla riutha. Tha moran de na mèinneadairean a bha diùltadh obrachadh ann an Pennsylvania air a dhol air ais gu’n obair, ach tha àireamh mhiltean dhiubh a’ seasamh a mach fhathast. Chaidh duin’ air fhichead a mharbhadh o chionn da sheachdain air ais le buidheann de mhaoir a bha cumail rian orra. Thug an siorram òrdugh eigin do na mèinneadairean nach do thuig iad (cha thuigeadh a mhor chuid dhiubh Beurla) agus o nach d’ rinn iad a reir òrduigh-san, dh’iarr e air na maoir a bha comhla ris losgadh orra; rinn iad-san sin, agus chaidh duin air fhichead a mharbhadh. Tha sin an deigh fearg agus gamhlas mor a dhùsgadh am measg cuid de na méinneadairean, agus cha b’ iongantach ged a bhiodh e gu math doirbh an toirt gu còrdadh. Tha Joaquin Miller, fear de na sgriobhadairean a’s ainmeile a tha ’s na Stàitean, air a dhol a mach gu Clondaic, agus ann an litir a sgriobh e o chionn ghoirid tha e ’g ràdh gur e fear Alasdair Domhnullach, a mhuinntir Nobha Scotia, an duine ’s fhearr a rium o’n fhuaireadh an t-àite mach. Chaidh e ann gun ach gann dolair aige, ach an diugh ’s fhiach e na muilleinean, agus cha ’n eil e cinnteach nach e ’n duine ’s bairtiche th’ air an t-saoghal. Buinidh e do Ashdale, an siorrachd Antigonish. Fhuir sinn litir an la roimhe bho Iain Mac-a-Bhiocair, a tha fuireach ann an Rescue, an stàit Mhichigan. Anns an litir sin chuir e ugainn ainmean ceithir deug de Ghàidheil a tha fuireach ’na choimhearsnachd, agus a tha ’cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Gu ma slàn do Iain! Na ’m biodh na Gàidheil uile cho dileas d’ an cànain ’sa tha esan, bhiodh a chùis gu math. Tha fathunn a ’dol mu’n cuairt gu bheil cuideachd a ghuail a’ cur rompa an laimhrig a th’aca ’sa bhaile so a chur an uidheam air a’ gheamhradh, agus gu’m bi iad a’ cur a mach guail oirre air an t-samhradh s’a tighinn. Tha sinn an dòchas gu bheil sin ceart, oir tha e cur call mor air Sidini an laimhrig ud a bhi ’na tàmh, mar a tha i nise o chionn da bhliadhna. Ann am Baltimore, Di-haoine s’a chaidh, chaidh duin’ òg d’am b’ainm Stevens, a bha dol a phòsadh, a thilgeadh le athair fhéin a bha ’na aghaidh. Bha am pòsadh gu bhi ann am feasgar sin fhéin. Cha robh an duin’ òg air a mharbhadh, agus chaidh am pòsadh a dheanamh anns an ospadal. Tha an seann-duine anns a’ phriosan. Chaidh innse dhuinn an la roimhe mu sheana-bhean chòir a tha ’leughadh MHIC-TALLA na h-uile seachdain a thig e mach, ged a tha i air aois cheithir fichead bliadhna ’sa seachd deug a ruigheachd. Agus ni i sin gun speuclair a cheart cho math ’sa dheanadh i ’nuair nach robh i deich air fihichead. Am MAC-TALLA gu deireadh na bliadhna 1898 air son dolair. Cuir dolair ’ga iarraidh gun dàil. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanumh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 109] [Vol. 6. No. 14. p. 5] NAIDHEACHDAN. Bha side gle fhuar againn fad na seachdain so. Cha ’n eil an geamhradh a reir coltais, fad air falbh. Thainig cnap òir gu San Francisco á Clondaic, o chionn ghoirid a thomhais da phunnd us da ùnnsa, agus is fhiach gle fhaisg air sia ceud. ’Se so an cnap a’s motha fhuaireadh ann fhathast. Chaochail fear Uilleam Dooley ann an Sidni Tuath, oidhche na Sàbaid, a bha ceithir fichead bliadhna sa seachd a dh’ aois. Rugadh e ann an Eirinn, agus bha e ’fuireach ann an Sidni Tuath o chionn leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd. Tha an trosg gu math pailt air an taobh so de ’n eilean, bho Cheap Nor gu Scatarie, ach tha e gle dhoirbh biathadh fhaotainn, agus mar sin, cha ’n eil an t-iasgach a’ soirbheachadh ro mhath idir. Tha an droch shide ’ga cumail air ais cuideachd. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil suim airgeid gu bhi air a chosg ann an leasachadh an rathaid-mhòir eadar am baile so agus mèinn an Reserve. Tha sinn an dòchas gu ’n deanar càradh ceart air; bha e gle dhona o chionn treis de bhliadhnaichean air ais, agus ’s fhada o’n bu chòir làimh a thoirt air. Chaidh an t-Urr. Seumas Strothard, ann am Bridgetown, N. S., do ’n eaglais aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh a dh’ éisdeachd ri Crossley & Hunter; air dha tigh’nn dhachaidh, fhuair e gu robh cuid-eigin air a bhi stigh fhad ’sa bha esan air falbh, agus gu robh ceud gu leth dolair air a ghoid. Tha Fearchar Calder, fear-lagha, a bha ann am Port Hood o chionn àireamh bhliadhnaichean, air a dhol gu Truro, far am bheil e gu bhi an comunn ri Firman McClure. Tha Mr. Calder gle mheasail ann am Port Hood, agus an siorrachd Inbhirnis air fad, agus tha a’ chàirdean uile guidhe soirbheachadh math a bhi leis ann an Truro. Bha na h-iasgairean air cladaichean an iar an eilean a’ deanamh cuimseach math fad an fhoghair so, gus an d’ thainig am biorach mu ’n cuairt, agus o’n thainig cha ghabh iasg eile glacadh. Mar a tha fhios aca-san a tha eòlach air a bhiorach, ithidh iad am biadh ’s an t-iasg as na lin, agus sracaidh iad na lin fhéin, air dhòigh ’s nach eil dòigh aig na h-iasgairean air obair sam bith a dheanamh fhad ’sa bhios iad air na criochan. Chaidh poit-dhubh a ghlacadh ann an Glendale, an siorrachd Inbhirnis, o chionn beagan us seachdain. Fhuaireadh i aig fear Fionnladh Mac Cuthais, a tha gu bhi air a thoirt gu ceartas gun dàil. Cha d’ fhuaireadh aige ach aon bhotul dhe ’n stuth a bha e ’deanamh. Thainig am fear-glacaidh a dh’ aon ghnothuch á Toronto. ’S i so an treas poit-dhubh a chaidh a ghlacadh ann an Inbhirnis am bliadhna; tha sinn an dòchas nach eil an còrr ann gu bhi air an glacadh. Shaolamaid gu faodadh daoine ’m beòlaind a dheanamh air dòigh laghail. Chaidh Armenianach, a bha ’siubhal na dùthcha a’ creic bathair, fhaotainn marbh air an rathad-mhor aig Green Oak, mu dha mhile dheug a mach á Truro, Di-satharna s’a chaidh, agus a reir gach coltais ’se mhort a rinneadh. Bha peileir air a chur troimhe; fhuaireadh a chorp ’se fhathast blàth beagan an deigh do ’n urchair a bhi air a losgadh. Cha do leagadh àmhrus air neach sam bith fhathast ach air gille d’ an ainm Lyman Dart, aois shia bliadhn’ deug, a tha fuireach ’sa choimhearsnachd. Chunnacas esan a mach le gunna air an la ud, agus tha e mar gu ’m biodh eagal air fad na h-uine uaithe sin. ’Se Asshard Derer a b’ ainm dh’ an fhear a chaidh a mharbhadh. Bha da mhàileid aige, agus fhuaireadh mu fhichead dolair de dh’ airgead ’na phòcaidean. Thainig cas duine air tir ann an Aspy Bay aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha an fheoil agus an craiceann gu math slan oirre. Dh’ fhalbh àireamh mhor á Sidni ’s as gach baile, ’s àit eile ’n Ceap Breatunn, gu Halifax Di-luain agus Di-ciaduin. Bha uiread de charbadan a’ falbh an da latha sin ’s gu ’m b’ fheudar da inneal-smùide a chur g’ an tarruinn. Di-luain s’a tighinn tòisichidh an carbad-smùide air a bhi fàgail Shidni tràth ’sa mhaduinn, mar a bha e ’deanamh bliadhnaichean roimhe so. Tha iad ag radh gu faod gu ’n atharraichear an t-àm falbh us tighinn an ceann mios no dha. Tha muinntir Shidni Tuath agus na Mèinne Tuath air toiseachadh ri cur na Scott Act air obair a rithist. Tha muinntir a bhaile so an dràsda car balbh a thaobh an lagha sin, ach tha e furasda gu leòr fhaicinn nach ann a chionn nach eil feum air. Chaochail fear Domhnull Mac Fàidein a mhuinntir Mhalagawatch, anns an ospadal, ann a Halifax, la na Sàbaid s’a chaidh. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois, agus cha robh e anns an ospadal ach tri latha. Thugadh a chorp dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh. Tha àm sealg nan cearcan-tomain air tighinn, ach leis cho gann ’sa tha na h-eòin sin, cha ’n eil iadsan a tha ’g an sealg a faotainn moran toileachaidh. Thatar a’ deanamh a mach gur e cho fuar, ’s cho fliuch ’sa bha deireadh an earraich us toiseach an t-samhraidh a dh’ fhag cho gann iad am bliadhna. Tha fios as na h-Innsean ag innse gu ’n do bhrist drochaid mhor fo charbad-smùide a bha ’dol thairis oirre, agus gu ’n deachaidh ceud gu leth duine a mharbhadh no bhàthadh. Chaidh mu ceithir deug eile a leònadh gu dona, agus cha d’ fhuair as le ’m beatha de na bh’ air a charbad ach tri fichead ’sa deich. Chaidh soitheach a luchdachadh le gual am Broad Cove air an t-seachdain s’a chaidh, a cheud soitheach a chaidh a luchdachadh ann o’n rinneadh an acarsaid ùr. Tha ’n acarsaid sin air a deanamh le rathad-uisge a ghearradh eadar an cuan agus loch mor a tha astar beag uaithe; ma chithear gu ’n gabh an rathad sin cumail fosgailte bidh an deagh acarsaid ann, agus cha ’n eil teagamh nach tòisichear air cur a mach a ghuail le neart. Tha dùil ri àireamh shoithichean a bhi air an luchdachadh ann mu ’n tig an geamhradh. Iadsan a Phaigh. Mairi Nic Neill, Iona. S. I. Mac-a-Phi, Loch Ghabarus. Bean Mhurachaidh ’Ic Leoid, Baddeck. D. A. Mac Cuthais, Salem Road. Ailein Mac Leoin, Whitney Pier. Niall Mac Leoid, Drochaid na h-Aimhne Tuath. 50c Seònaid Mhathanach, Drochaid na h-Aimhne Tuath. Seònaid Ros, cul Bhagh Bhaddeck, Seumas N. Mac Leoid, Port Bevis. Lachuinn Mac Ghuaire, Amhuinn Mheadhonaich. Alasdair MacRath, (taillear) Amhuinn Mheadhonaich. Ceit Dhomhnullach, Beinn Ghillanders. Murchadh Mac Leoid, Bagh Bhaddeck. $2.00 Fionnladh B. Mac Neill, Gillis’ Point. $2.00 Mairi Nic-an-t-Saoir, Shenacadie. 25c D. A. Mac Rath, Baile-Shearlot, E. P. I. $2 50 Iain T. MacCoinnich, Baile-Shearlot, E. P. I. 3.00 A. D. Mac Leoid, Baile-Shearlot, E. P. I. Alasdair Mac-a-Phi, Loch Katrine, N. S. An. t-Urr. A. Domhnullach, D. D. Antigonish, $2.00 An. t-Urr. D. A. Mac Eamuinn, D. D. Antigonish. Ailein Mac Gille-bhrath, McPherson, P. O., N. S. Fearchar Mathanach, Hudson Bay. W. I. Domhnullach, Wolesley, Assa. 50c An t-Oil. A. B. Mac Neacail, Kingston, Ont. $5.00 A. M. Caimbeul, Aldborough, Ont. Uisdean G. Caimbeul. Sycamore, Ills. S. A. Mac Gilleain, Stirling $3.00 LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .30 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MACKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 110] [Vol. 6. No. 14. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 107.) an tilg Prionns’ Agib, mac Righ Casib, an iomhaidh a th’ air mullach na beinn dhaoimein sios do ’n chuan; agus an ceann da fhichead latha ’s a deich ’na dheigh sin cuiridh am prionnsa so do mhac gu bas.” Thuig m’ athair gu ’n robh an fhiosachd so a’ co-chordadh anns gach ni ris a’ bhruadar a chunnaic e, agus chuir e trioblaid-inntinn ro-mhor air. Thug e dhomhsa sgoil is ionnsachadh is fiosrachadh cho math ’s a ghabhadh deanamh. Is e so an coigeamh bliadhna deug dhe m’ aois; agus dh’ innseadh an de do m’ athair gu ’n do thilg Prionns’ Agib an iomhaidh umha a bh’ air mullach na beinne do ’n chuan o chionn deich latha. Chuir an naigheachd so m’ athair gu bron ’s gu tuireadh cho mor ’s gur gann a dh’ aithnicheadh duine e. Ged a bha e ’creidsinn gu’n robh an fhiosachd a rinn na reuladairean mu m’ dheidhinn fior, gidheadh dh’ fheuch e ris gach nì a dheanamh a ghabhadh deanamh a chum mise ’ghleidheadh o ’n chunnart a dh’ ainmich mi. Thog e taigh-fo-talamh anns an eilean gus mise a chur am falach ann gus an rachadh am a’ chunnairt seachad, agus cho luath ’s a chual’ e gu ’n do thilgeadh an iomhaidh do ’n chuan, chuir e misa an so. An ceann da fhicheed latha thig e g’ am iarraidh. Air mo shon fhein dheth cha’n urrainn mi ’chreidsinn gu ’n tig Prionns’ Agib g’ am iarraidh do’n aite uaigneach, aonaranach so. So, mo thighearna, na bheil agam ri ’innseadh dhuibh.” Am feadh ’s a bha ’n duine og ag innseadh na naigheachd so dhomh, cha b’ urrrainn mi gun a bhith ’smaointean air cho mi-choltach ’s a bha ’n fhiosachd a rinn na reuladairean. Cha robh anns an t-saoghal na bheireadh orm a chreidsinn gu’n robh e comasach gu’n cuirinn an duine og so gu bas. Thuirt mi ris, “Mo ghille math, cuir d’ earbsa ann am mathas Dhe, agus na biodh eagal sam bith ort. Cha chuirear gu bas thu fhad ’s a bhios tu anns an eilean so. Tha mise ro thoilichte gu’n do thachair dhomh tighinn do’n eilean so a chum do dhion o gach neach a bhiodh ag iarraidh do bheatha thoirt air falbh. Cha ’n fhalbh mi a so gus an tig crioch air an da fhichead latha mu’n robh na reuladairean a cur eagail ort. Agus ni mi gach ni ’nam chomas a chum do thoileachadh, agus an uine a chur seachad cho cridheil ’s cho taitneach ’s a ghabhas deanamh anns an aite so. “Na dheigh sin gheibh mi as an eilean so air an luing leis an tig d’ athair g’ ad iarraidh; agus an uair a gheibh mi air ais do m’ rioghachd fhein, bidh cuimhne agam air a’ chomain a chuir thu orm, agus cha dichuimhnich mi caoimhneas a nochdadh dhut.” Thug na briathran so a labhair mi ris misneachd mhor dha. Cha d’innis mi idir dha gu’m bu mhi Agib roimh an robh eagal cho mor air; oir, nan robh fhios aig co mi, is docha gu’n rachadh e as a chaill leis an eagal. Chuir sinn seachad an uine gu h-oidhche a’ comhradh mu chaochladh nithean. Thuig mi o ’n chomhradh a bh’ eadrainn gu’n robh e ’na dhuine og a bha gle thurail, tuigseach. Ghabh mi biadh comhladh ris; agus bha ’m pailteas bidh aige air ar son le cheile. Thug sinn greis air comhradh an deigh ar suipearach, agus an sin ghabh sinn mu thamh. O latha gu latha bha mi ’feuchainn cho math ’s a b’ aithne dhomh ris an uine a chur seachad leis gach toil-inntinn air am b’urrainn mi smaoineachadh. Ann am beagan laithean dh’fhas sinn gle mheasail air a cheile. Feumaidh mi radh gu’n do ghabh mi tlachd cho mor dheth ’s gu’n dubhairt mi uair is uair rium fhein, “Cha’n eil anns na reuladairean a bha ’g radh ri’athair gur mi a bha gus a chur gu bhas ach na fior mhealltairean. Cha’n ’eil e comasach gu’n deanainn-sa gniomh cho eucorach ri duine og, neo-chiontach a chur gu bas gun aobhar.” A dh’ aon fhacal, chuir sinn seachad naoi latha deug ar fhichead ann an cuideachd a cheile cho cridheil, cho cairdeil, agus cho taitneach ’s a b’ urrainn a bhith. Mu dheireadh thainig an da fhicheadamh latha. “Tha mi beo, slan; buidheachas do Dhia, agus dhutsa air son do chaoimhneis dhomh. Bidh m’ athar an so gun dail, agus bidh e gle thaingeil dhutsa air son cho caoimhneil ’s a bha thu rium, agus gach frithealadh a rinn thu dhomh. Bheir e dhut gach cuideachadh a’s urrainn da a chum comas a thoirt dhut faotainn air ais do d’ rioghachd fhein. Ach gheibh thu deiseil uisge teith dhomhsa a chum gu’m fairig mi mi-fhein, agus gu’n cuir mi uman deise ghlan mu ’n tig m’athair.” Gun dail sam bith chuir mi uisge air teine agus an uair a bha e teith gu leor, thug mi g’ a ionnsuidh e. An uair a nigh e e-fhein anns an t-soitheach-fharagaidh, agus a chuir e uime deise ghlan leig e e-fhein na shineadh anns an leabaidh. Sgaoil mise am brat thairis air, agus chaidil e gu trom car uine. An uair a dhuisg e thuirt e rium, “Thoir dhomh meal-bhucan agus siucar a chum gu’n ith mi beagan, oir tha ’n t acras orm.” Thagh mi an te b’fhearr a fhuair mi, agus chuir mi air trinnsear i. Ach o nach robh fhios agam c’aite am faighinn sgian, dh’ fheoraich mi dheth c’aite am faighinn te. Thuirt e rium gu’n robh an sgian a bhiodh aige ’gan gearradh air an sgeilp a bha os cionn a chinn anns an leabaidh. Dhirich mi do ’n leabaidh a dh’iarraidh na sgeine, agus anns an tionndadh dhomh ’s an sgian ’nam laimh chaidh mo chas an luib an aodaich, agus gu mi-fhortanach thuit mi air a mhuin, agus chaidh an sgian thun na coise anns a’ chridhe aige. An uair a chunnaic mi mar a thachair leig mi glaodh goirt asam. Bhuail mi mo cheann is m’ uchd; agus reub mi m’ aodach. Leis mar a bha mi air mo lionadh le bron do-innseadh, thilg mi mi-fhein air an talamh. “Ochan!” ghlaodh mi, “cha robh ach beagan uairean gus am biodh e saor o’n chunnart roimh ’n do theich e an so: agus an uair a bha duil agam gu’n robh an cunnart seachad, mhort mi e, agus choimhlion mi an fhiosachd a rinneadh m’ a dheidhinn. Ach, O Thighearn! tha mi ’guidhe ort, thoir mathanas dhomh. Ma tha mi ciontach dhe ’bhas, cha’n ’eil mi ag iarraidh a bhith beo na ’s fhaide.” (Ri leantuinn.) Gnothaichean mora ’n t-Saoghail. Tha Canada ’fas fior-ainmeil agus morail am measg rioghachdan an t-saoghail. Cha robh anns na bliadhnachan nach eil fad’ air falbh meas anabarrach air bith air Canada. Rinn an rathad mor, fada iaruinn a tha ruigheachd bho aon taobh de ’n dùthaich gus an taobh eile, atharrachadh iongantach ann am beachdan nan Sasunnach mu dheibhinn Chanada. Chunnacas gu furasda gu robh a nis slighe dhireach, laidir, air am faodar saigheadaran a ghiùlan an àm cogaidh no ann an amharus cogaidh, ann an cuibhrionn de Bhreatunn fein. Cha ruig Breatunn a leas tuilleadh, cead righ no daoine air bith iarraidh, an uair is aill leatha feachd a chur gu Innsean na h-airde ’n Ear. Tha beartas iomadach agus lionmhor ann an comhnardan farsuing, ann an cnuic arda, leathunn, agus ann an lochan ’us ann an aimhnichean brasa, domhainn na h-airde ’n iar-thuath. Tha ioghnadh fuasach air feadh an t-saoghail a nis, do bhrigh gu bheil òr ann am pailteas nach gabh rannsachadh fhathast, ri fhaotainn ann an Claondaic agus anns a’ choimhearsnachd fhada, fharsuing, a tha m’a thimchioll. Tha faisg air da cheud gu leth bliadhna o’n chaidh cuideachd Bagh Hudsoin a chur air chois. Is e seoladair tapaidh, treubhach, a bha ’n Hudson. Thug e ainm fein do ’a chuain—oir is e meudachd cuain a tha aige—’tha air taobh an Iar-thuath de Chanada. Fhuair a’ chuideachd so ughdarras bho Righ Tearlach II. air gach fonn ’us faiche, air gach loch ’us amhainn, air gach cnoc ’us camus, air gach broc ’us sionnach, agus air gach beathach, mor ’us beag, dubh, ’us geal, ’us dearg, a bha ann an airde-tuath America. Bha gliocas ’us innleachd gu leoir aig a chuideachd so airson storas a thrusadh agus malairt mhaith tharbhach a dheanadh le craiceann ’us béin nam beathaichean beaga ’us mora ’bha iad fein agus na h-Innseanaich a’ marbhadh anns an dùthaich uaigneach, aosmhor ud. Roghnaich a’ chuideachd so gu bitheanta, Gaidheil airson cùram a ghabhail de na ionadan iomallach anns an robh iad a’ trusadh nam bian a bha iad a toirt thar a chuaird, agus g’an reic aig pris eagallach ann am Breatunn, anns an Fhraing, agus ann an dùthchannan eile. Rinn iomadh ball de ’n chuideachd so moran airgid air an doigh so, agus cha ’n eil na teaghlaichean agus na maithean tearc an diugh a fhuair gach maoin ’us beartas a tha aca bho Iar-thuath America. O’n bha saoibhreas co anabarrach a tighinn do ’n chuideachd so, rinn iad gach oidheirp air an t-saoghal a ghleidheadh ann an aineolas ma dheibhinn nan comhnardan liomnhor, torr- [TD 111] [Vol. 6. No. 14. p. 7] ach, feurach, a tha anns an tir thosdach, reachdmhor ud. Ach cha robh e comasach do ’n chuideachd so, sealbh a ghleidheadh doibh fein a mhain air an dùthaich àluinn as an tug iad ionmhasan luachmhor. Thainig fadheoidh fios ’us cinnte gu bheil an Iar-thuath co beartach, tiorail, siolmhor, ’us gu faod miltean comhnuidh a dheanadh innte ’s sonas ’us teachd-an-tir a chosnadh gu furasda doibh fein. An deigh do aonachadh a bhi air a dheanamh eadar na roinnean eile ’bhuineas do Chanada, chaidh cordadh a dheanamh le cuideachd Bagh Hudsoin, agus mar so, ged fhuair a chuideachd moran airgid, agus ged tha aca fathast inbhe nach eil gann, no faoin, no suarach, chaidh coir ’us ughdarras thar an Iar-thuath gu leir a thoirt thairis do Chanada. Cha ’n eil ceann no crioch air a chruinneachd shnasmhor, bhrioghmhor, a tha ’cinntinn ann am Manitoba, agus ann an cearnan eile de ’n Iar-thuath. Is e cruinneachd earraich a mhain a tha na tuathanaich a’ togail. Tha ’n talamh co reamhar le leasachadh nan linn, ’s nach eil feum air deasachadh cùramach air bith. Ma ruigeas an siol an talamh maoth a tha fo n’ fhoid ghuirm, ciunidh fochunn ’us barr craobhach, liontach ann an ùine ghearr a suas. Is ann troimh Chanada, ann an astar fuasach a ruigeas cruinneachd na h-airde ’n Iar-thuath, am baile-rioghail far am bheil e ’dol air bord nam bataichean-smùide ’ghiulaineas e gu Breatunn agus do gach dùthaich aig am bi feum mor air. Cha robh ach pris gle bheag ri fhaotainn ré iomadh bliadhna ’nis le tuathanaich Chanada airson an cruinneachd. Tha pris moran ni ’s fhearr ri fhaotainn a nis. Togaidh na tuathanaich an cinn ’s an cridheachan gu gaisgeil a nis. Gheibh iad cothrom air an dachaidhean ùra ’chur ann an uidheam cheart, agus air sonas, ’us slainte, ’s comhfhurtachd fhaotainn ann am Manitoba agus anns gach cearna eile. Tha sgeula muladach a tighinn thar a’ chuan, gu bheil Eirinn ’us rioghachdan eile anns an Roinn-Eorpa, ann an staid bhochd. Dh’ fhailnich am buntata ann an tomhas mor ann an Eirinn. Dh’ fhailnich an cruinneachd anns an Fhraing, agus gu sonruichte ann an Ruisia. Tha againne daonnan pailteas de bhiadh, agus tha comas againn moran a sheachnadh, a bheir lon ’us treoir, ’us agh do thirean aig nach ’eil achaidhean a tha giùlan cruineachd ’us arbhair ’us buntata ’tha pailt, milis, fallain, greadhnach. CONA. Facal bho “C. C.” A CHARAID:—Moran taing dhuibh fhein agus do “Ghleann-a-Bhaird” air son litir an t-Seanaileir Mhic Gilleain á Eilean Wight, a chur ’sa MHAC-TALLA; agus mar an ceudna air son gu’n tug sibh dhuinn na rainn bhoidheach agus fhaireachail a chuir “Gleann-a-Bhàird” a null ann a freagradh do’n litir sinn. Cha do shiubhail na bàird uile fathast. ’S fhada bho nach cuala mi dad de bhàrdachd a rinn am barrachd greim air m’ inntinn na rinn na rainn ud ’nuair a leubh mi iad. Tha mi lan chinnteach gu’n cuir an t-uasal eireachdail, air son an d’ rinneadh iad, luach orra. Gu ma fada beò “Gleann-a-Bhàird” gu bhi toirt dhuin bho am gu am dearbhadh air àrd bhuadhan inntinn. ’S e mo bheachd gu ma dual dha spiorad bàrdachd a bhi aige. Na biodh e idir an dùil gu’m falaich se e fhein air cùl fath-ainm. Ach ma tha e fhein air son fuireach am falach cha bhrath mise e. Cha ’n abair mi tuilleadh an dràsda. Cluinnidh tu bhuam fathasd an ùine ghoirid mur tig ni anns an rathad. C. C. Finan agus Lorma. A Lorma! c’àite ’n tàmh dhut? Ionad do phramh c’àit’ bheil e? ’N do ghlac an oidhch’ thu ’san fhàsaich, Air aghaidh nan ard-bheann seilge? Og-bhean an iughair a’s caoine slios, Is truagh nach fhios dhomh do chòmhnuidh; Ann an còs na creige do thuineach Aig bile nan sruthan uaigneach. Ma’s a bidh do bhroilleach fliuch, Bidh i fliuch ’s tha ’n oidhche fuaraidh, Ach tha thu ’ghnàth le m’ anam fein, A ghaol gu ma seimh do bhruadar. A thaibhsean air osnaidh na h-oidhche, Buineadh gu caoimhneil ri m’ ghaol; Tha féith air a gnùis ’s i ri gàire, Na seidear i mo ghràdh le gaothaibh. Caoin is seimh fo dhoinionn nan speur, Tha m’ annsachd fein ’sa h-ùigh air Uran, Na dùisgear i le ruadh-bhoc an raoin, No le caochan a ghlinne dhiomhair. Fhirein fhiadhaich nam beann, Na biodh d’ fharum an gleann mo ghaoil, Caidil a ghaoil gun smuairean, Aig sruthan uaigneach nan iomadh bad. Mar chagair beacha na bruaiche, Measg ròsan uaigneach nan alt, A cromadh fo dhriùchd na maidne, Thig thusa gu d’ chodal a Lorma. Sèimh gu robh ’ghaoil do thàmh, ’S ma thuiteas pràmh orm fein, Eirich an aisling mo chodail, ’S biodh do ghnùis gu furasda màlda. An do phàigh thu MAC-TALLA. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 112] [Vol. 6. No. 14. p. 8] Laoidh. Ar gràdh biodh dhuitse, Thriath nam buadh, Air feadh gach ail is linn; An diochuimhnich sinn Triath na slàint’, ’Rinn oighre glòire dhinn? Ar Tighearna, ged ’s àrd an glòir, Os cionn gach dùil a th’ ann, Cha dìchuimhnich e mhuinntir ud A shaor e air a’ chrann. Fhuair e an sin an t-aoibhneas àrd ’Chaidh ghealltainn dà le Dia, ’N uair dh’ éirich e o ’n uaigh a suas, Gu ’dheas-laimh feadh gach ial. A ghlòir cha chuir àrd-aingle ’n céill, Oir tha i ’dol thar luaidh; Gidheadh is e ’phrìomh shòlas shuas, Peacaich a thoirt o thruaigh. Air son so rinn e tàmh a bhos, Is bhàsaich e gu caomh; Air son so thug e buaidh air bàs, Is tagraidh nis air neamh. O naoimh a tha ’s gach àite’ fo ’n spéur, Sìor mholaibh e gach lò; Seinnibh hosanna aite do ’n tì A rinn le bhàs sibh beò. Oran Eibhinn Uisteach. Hug o ri no, ro hu ro bho, cha’n eil a chùis a cordadh rium, Hug o ri no ro hu ro bho Dh’ eirich mi la na feille, ’s trom mo cheann ’s cha neònach e, Hug o ri no ro hu ro bho, etc. Buntat ùr ’s trinnsear maoraich chuir mo ghaol gu bòrd thugam. Hug o ri no ro hu ro bho, etc. Dh’ fhalbh mi leis an damh bheag lachdunn fiach a faighean drobhair dha. Hug o ri no ro hu ro bho. Dh’ fheith mi gu bial na h-oidhche, cha ro phrìs a còrdadh rium. Hug o ri no ro hu ro bho. Shuidh mi ann an gleannan fraoich ri taobh fear de na dròbhairean. Hug o ri no ro hu ro bho. ’Nuair chunnaic mi na bha ’gam ionnsuidh chuir iad curam mor orm. Hug o ro no ro hu ro bho. Gu ro Bàillidh-Mor na chabhaig ’tagairt a chuid coirichean, Hug o ri no ro hu ro bho. Chuir e ’n ’ordan na maoir bheaga mas teichinn gu mointeach air. Hug o ri no ro hu ro buo. Cuimhnich gu ruig thu mi maireach ’s a màl ad phòc’ thugam. Hug o ri no ro hu ro ho. Agus roinn dhe’n t-seann “arrears” ceart cho cinnteach comhla ris. Hug o ri no ro hu ro bho. Cuimhnich gu bheil an t-Achd ’nam fhabhor, cha bhi dail nis mo agaibh. Hug o ri no ro hu ro bho. Thainig Fear Airgead-nam-Bochd is poca beag “morrocco” aige. Hug o ri no ro hu ro bho. Mur a paidh thu ’s a mhineid cha bhi idir “vot” agad. Hug o ri no ro hu ro bho. Thainig Marsanta-na-Mine, litrichean na dhòrn aig, Hug o ri no ro hu ro bho. Labhair e ’s a ghuth air chrith, ’bheil dad idir dhomhsa agad. Hug o ri no ro hu ro bho. Mur a paidh thu ’n t-suim uile cha’n urrainn mi an còr thoirt dhuit. Thainig Marsanta-na-Ti, ’s da rireamh cha do chord e rium, Thug thu riarachadh do chach ged nach eil fardein dhomhs agad, Dh’ iarr e fiachan bh’ air mo mhathair o’n bha mi ’nam og-ghiullan, Gun d’ thainig Marsanta-chotain, botul aig ’s gun d’ ol sinn rud, Oirleam gur e dusan not a thuirt e rium bha coir aig air, Dh’ eigh an saor orm le cabhaig, trobhad facal oganaich, An diugh a gheall thu m’ fhaicinn ceart, thoir tarruinn air do phocaidean, A’ fear ’thug dhomh a chruach a’s-t-earreach bha e tacan comhla rium, Thoir dhomh not a gheibh am Baillidh ’s bheir mi dail ’sa chor dhe dhut, Cha’n fhaighinn o fhear-na-cliabh ach siadaire agus rogaire, ’Nuair bu mhiann leam ’dhol dachaidh nochd an clachair ’s treodag air. Cuimhnich am beagan bha eadruinn gu bheil e deiseil dhomhs agad. Thainig an Griasaiche air fhianaidh is bha droch bhial gu leor aige, Thainig an Tailleir an nall ’s gun d’ fhuair mi dram o’n oganach, Cuimhnich air a bheagan thasdan bh’agam ort o’n mhon-uiridh, Thainig an “Travallair” Gallda, srann aig a chuid chleocanan, Gu ro dearrsa as a bhroilleach agus lainnir as a bhotainnean, ’S ann a thuirt e rium ’s a’ Bheurla “You must pay the whole of it,” ’S ann a thuirt an gobha rium le truas, gur olc do thuar ’s cha neonach leam, Cha’n eil mise an diugh ’nam eigin, gleidh fhein ma bhios corr agad, Gun sheas a Bhainneach as mo chionn, thoir dhomh mo chrun a rogaire, Riob an Dotair mi o’m chul-thaobh, ghabh mi null a chomhradh ris, Leth-chrun airson bannochdach Challuim ’s mo shalaraidh comhla ris, Dh’ fhag mi uaislean ann an dichuimhne, ’s cha do dh’ iarr iad grot orm, Maighstir Tearlach Ghearradh-Phailteas agus Alasdair Domhnullach, Rob Fearghustan, Fear-an-Droma, Don’ull Clarc ’s fear-Bhoirinish, Fiachan o bhliadhna gu bliadhna aca airson sioll ’s cloimh orm. Bha beum sléibhe ann an cearna de’n Eadailt air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh da fhichead duine a mharbhadh leis. BAS. Ann am Port Morien, Di-luain an 27mh latha, Domhnull I. Mac-Gilleain, 58 bliadhna dh’ aois. NADUR EILE. Tha bean-uasal á Montreal a’ sgriobhadh:—“Tha K. D. C. an deigh m’ fhear-pòsda a thoirt o bhi ’na mhathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gràdhach.” Cha ’n e mhain gu bheil esan a th’ air fhàgail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na shàruchadh dha fhéin, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’S ann gle ainneamh a gheibhear sonas còmhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha lan aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-pòsda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gradhach. K. D. C. air son na stamaig, agus K. D. C. Pills air son a chuim. Cuirear sampuill ugad a nasguidh. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St Boston, Mass. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., Agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. FLUR AGUS MIN direach as na muillnean. (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.) TI, SIUCAR, TOMBACA, etc. Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID. ALASDAIR MARTUINN. Sidni, C. B., Sept. 1, 1897. [TD 113] [Vol. 6. No. 15. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE, 8 OCTOBER, 1897. No. 15. Ged tha mi gun Chrodh gun Aighean. SEISD— Ged tha mi gun chrodh gun aighean, Gun chrodh-laoigh gun chaoraich agam; Ged tha mi gun chrodh gun aighean, Gheobh mi fhathast oigear grinn. Fhir a dh’ imicheas thar chuantan, Giulain mile beannachd uamsa, Dh’ ionnsuidh oigeir a’ chuil dualaich, Ged nach d’ fhuair mi e dhomh fhìn. Fhir a dh’ imicheas am bealach, Giulain uamsa mile beannachd; ’S faod ’s tu innseadh do mo leannan, Gu ’m beil mi ’m laidhe so leam fhìn. ’Fhleasgaich thainig nall á Suaineart, Bu tu fhein an sar dhuin-uasal; Gheobhainn cadal leat gun chluasaig, Air cho fuar ’s g’ am biodh an oidhch’. Ged nach eil mo spreidh air lointean, Mo chrodh no mo chaoraich bhoidheach, Bheirinn tochar dhuit an ordugh, Cho math ri te og ’s an tir. Ged tha mi gun chrodh gun chaoraich, Cha ’n eil mi gun mhaise ’m aodann; Dh’ fhithinn breacan a bhiodh caol dhuit, ’S dheanainn aodach a [?]. Och! cha teid mi thun na faidhreach; Cha bhi fearaibh og ’g am fhoighneachd; ’S ann a chaill iad aile sgoinn diom, ’S cha bhi foighneachd air bo-laoigh. Naile! ’s mise tha fo mhulad, A’s mi ’tamh ’s an t-seomar mhullaich; An leannan bh’ agamsa an uiridh, ’S ann tha ’n diugh rium cul a chinn. Naile! ’s mise th’ air mo leonadh, Mu òigear a’ chuil bhachlaich, bhoidhich; Gur e sud an sgeul a leon mi, Thu bhi ’giulan còt’ an righ. Naile! ’s mis’ tha dubhach, deurach, ’N seomar ard a’ fuaigheal leine; Chaidh mo leannan gu Jamaica, ’S ciod am feum dhomh bhi ’g a chaoidh? Am Priomh-Riaghladair an Antigonish. Bha fleadh is greadhnachas an Antigonish Di-Sathuirne so chaidh; Bha brataichean a’ srannraich, pioban ’gan sgailceadh, is drumaichean ’gam bualadh. Bha sean agus òg a muigh air an sràid, bodaich is cailleachan, nighneagan is gillean, uil’ air an eideadh an còmhdach féille, uile air mhire gu sealladh fhaighinn de Phriomh Riaghladair Chanada, Iarla Aberaaidhain agus de ’Bhain-tighearna uasail. Bha da charbad, gach aon air a tharruinn le ceithir eich ghlasa, a feitheamh gus an toirt suas am baile; agus ’nan cuideachd bha moran de charbadan eile. Thaghail iad an toiseach aig a Phost Office far an deachaidh fàilte a chur orra ann an ainm a bhaile. An deigh so chaidh iad suas gu Oil-thaigh Naomh Francis Xavier far an d’ fhuair iad failte ann an Gaidhlig, an Laidionn, ’s am Fraingis; agus far an d’ éisd iad ri roinn thaitneach de dh’ òrain na h-Alba. Chaidh iad as a so d’an Chonvent agus gu dearbh bhiodh e duilich bàrr a thoirt air an fhàilte ’s an fhuran a fhuair iad an sin. Cha’n fhiach mise ri innseadh cho grinn ’sa bha gach ni—cho taitneach sa bha ’n ceòl—ceòl Gaidhealach air atharrachadh inneal, cho blàth ’s cho snasmhor ’sa bha na briathran furain, cho maiseach ’sa bha na caileagan, cha àluinn ’sa bha ’n talla—cha ’n fhiach chionn ged dh’ fhiachach cha b’ urrrinn dhomh a chòir a dheanamh. ’Nuair a bha so seachad chaidh iad suas gu taigh an Easbuig far ’n do shuidh iad aig cuirm mhor, fhialaidh, fhlathail agus chuir so crioch air latha a thug mor aoibhneas do gach neach. Anns gach àite thaitinn an t-Iarla ’sa Bhan-Iarla agus an nighean, a Bhaintighearna Marjorie, ris gach a[?]. Bha iad cho [?] pròis; agus labhair an t-Iarla le briathran cho caoimhneil ’s cho tuigseach ’s gun do bhlàthaich gach cridhe riutha. Gu’ m bu fada beò iad! So agaibh an fhàilte Ghaidhealach a chaidh a leughadh ’san Oil-thaigh:— D’a Mhorachd Priomh Riaghladair Chanada, an Ceart Urramach Iain Gordoin, Iarla Aberreadhain. D’a Morachd Iseabail, Ban Iarla Aberreadhain. Ma ’se toil bhur Mòrachd e:— Tha mor aoibhneas an diugh ’nar talla a chionn gun do dheònaich luchd-ionaid a chrùin taghal oirnn, oir ann an dillseachd dhaibhsan a chuir Dia thairis oirnn mar riaghladairean cha gheill luchd-teagaisg agus luchd-foghluim Oil-thaigh Naomh Francis Xavier àite ’s àirde do chomunn fo’n ghréin. Ach tha pàirt againn agus pàirt nach beag aig a bheil aobhar sònraichte a bhi fo aoibhneas, chionn tha sinn a faicinn ma’r coinneamh anns an inbhe a’s àirde caraid uasal a chaidh àrach fo sgéith nam beann anns an dùthaich ghràdhaich bho’n d’ thainig ar sinnsear. Agus ged tha sinne ’n dràsd an Albainn Uir, cha’n ’eil an gaol a thug ar n-athraichean do sheann Albainn idir a dol a’ mùthadh. Tha e mar an ciadna na aobhar aoibhneis dhuinn bhur faicinn an so ’chionn gu bheil e ’nochdadh dhuinn am meas agus an t-urram a tha ar Ban-righ’nn ghràdhach cho tric a sealltuinn do mhùinntir na h-Alba. Tha e sealltuinn gu bheil i mion-eòlach air a h-eachdraidh, air cliù nan Gaidheal anns gach linn, agus gu bheil an t-eòlas so ag innseadh dhi nach eil fo ’riaghladh finne na’s toilltinniche air earbsa ann an gnothuichean cudtromach. ’S iad smaointean de’n t-seòrsa so a tha ag cur blàths an diugh ’nar cridheachan agus a tha ’gar brosnuchadh gus ar gràdh ’s ar gàirdeachas a chur an céill anns a chainnt a dh’ ionnsaich sinn aig glùin ar màthar, a chainnt ’san deachaibh ar tàladh le briathran gaoil, a chainnt anns an d’ fhuair eòlas agus gràdh an tùs a stigh ’nar cridheachan. Agus ’nuair a tha ’n inntinn làn de bhàigh agus de dh’ aoibhneas ’si so a chainnt a’s freagarraiche gus a dùrachd aithris. Cha’n eil sinn idir aineolach air cliù a chinnidh uasail air a bheilear ’g ’ur sloinneadh. Bho àm Adhaimh Gordoin a chath ’s an Talamh Naomh le Righ na Frainge còrr a’s sia ceud bliabhn’ air ais bha iad ainmeil anns gach linn. ’S iomadh àit’ air am freagarradh facail a Bhàird Mhic-Fhionghain:— “Cruaidh, dian bha buaidh nan Gordonach, Bu lionmhor sguab is dòrlaichean A bhuain iad air a chòmhnard Far an d’ thug na slòigh dhaibh ceann.” Ach ’s iad so nithean a’s aithne do gach aon, agus cha ruigear a leas an dràst a bhi tighinn orra. ’S mor an t-aobhar uaill dhuinn ma ta ar Priomh Rioghladair a bhi de dh’ fhuil cho buadhar, ’s tha ar n-aigne gu mor air àrdachadh ’nuair a bheir sinn fanear gur a h-airidh e anns gach seòl air cliu a shinnsridh. Bho na thàinig bhur Mòrachd maille ri Baintighearn’ Aberreadhain a Chanada mheall sibh le cheile gaol gach aon le’r bàighealachd ’s le’r caoimhneas; agus choisinn buadhean arda bhur n-inntinn ’s bhur tuigse meas us urram dhuibh anns gach àite. Tha sibh ’n ur n-onair do’n dùthaich rioghail bho’n d’ thàinig sibh agus tha sibh dhuinne mar shamhladh air gach ni a tha flathail agus uasal. Mile taing dhuibh ma ta airson bhur ceilidh. ’S fhada bhios e dhuinn na chuimhneachn taitnéach; agus tha sinn an dòchas gun gabh sibh gu caoimhneil ris an dillseachd ’san dleasnas a tha sinne le’r n-uile-chridhe a’ tairgsinn dhuibh. Bha an t-Iarla ’s a Bhan-Iarla ro thaingeil airson na fàilte Ghaidhealach a fhuair iad; agus bho nach rachadh aca fhéin air Gailig a bhruidhinn dh’ iarr iad air Miss Gunn, bean-uasal a bha ’nan cuideachd, freagairt air an son ’sa chànain so, ni a rinn i le briathran gasda, freagarrach, a thug mor thoileachadh do na Gaidheil a bha ’ga h-éisdeachd. AONGHAS. Oil-thaigh N. F. X., Oct 6, 1896. [TD 114] [Vol. 6. No. 15. p. 2] DAIBHIDH II. Thugadh fainear gu tric gu ’m bu daoine beaga mic dhaoine mòra; gu’m bu daoine gòrach mic dhaoine glice. Bha sin, gun teagamh, firinneach a thaobh an aoin mhic a dh’fhag rìgh Raibeart Brus. Cha robh Daibhidh ach mu chùig bliadhn’ a dh’aois ’n uair a bhasaich ’athair. Thugadh an t-ainm sin air mar onair ri ’roimh-shinnsir a rioghaich ceud bliadhna roimhe sud. Shuidhich rìgh Raibeart, roimh a bhàs, gu’m biodh Sir Tòmas Randolph, Iarl an taobh Mhuirich, air a dheanamh ’n a Thàinistear, ’s e sin ’na àrd-riaghlair, air an rioghachd gus an tigeadh Daibhidh gus aois. Bha Randolph ’n a dhuine comasach, agus bha e ’riaghladh na rioghachd ’an ceartas; car cruaidh, theireadh daoine ’n diugh a bha e. Fhuair e Achd air a dhaingneachadh leis a’ chomhairle, gu’m feumadh na h-uile Siorraimh pàigheadh air son gach coltair, no inneal treabhaidh eil’ a rachadh a ghoid an taobh a stigh de chriochan na Siorrrachd, a chionn gu’m be dleasdanas an fhir-dreuchd sin luchd-braid a chumail fo eagal. Ghabh fear-eigin de dhànadas air iaruinn a chroinn fholuch, agus a ràdh gu’n do ghoideadh iad. Fhuair e o ’n t-Siorraimh an t-suim a mheasadh d o na h-iaruinn sin. Ach fhuaradh a mach air ’an déigh sin gu’m b’ e féin a dh’fholuich iad. Chroch an Tàinistear e air son a chuid cleasachd. B’ ann air an dòigh so a bhuin Randolph ris gach fear droch-bheirt. Bha e ’n a shaighdear gaisgeil; agus cha b’fhad’ an déigh bàis an rìgh gus an robh e air a ghairm gu dhol air ceann an airm an còdhail an nàmhaid. Thug Eideard Bailiol oidhirp air crùn Alba fhaotainn da féin goirid an déigh bàis a’ Bhrusaich. Bu mhac e so do Iain Bàiliol, dheth ’n d’rinn Eideard I. Shasuinn rìgh ma’s fhior, agus a dhruid e rìs ’am prìosun ’n uair a rinn e féin air son sealbh a ghabhail air Alba. Fhuair e cead a choise greis an déigh sin, ’s chaith e deireadh a làithean ’s an Fhraing ’an dìmeas. Thàinig a mhac a nis a nall as an Fhraing, ’s thug rìgh Shasuinn cuideachadh dha os iosal, gu rioghachd Alba thoirt o theaghlach a’ Bhrusaich, air chumha gu’n aideachadh e righ Shasuinn féin mar Ard-uachdaran Alba. Fhuair e àireamh luchd-leanmhuinn a measg dhaoine mòra Shasuinn, agus mar tha ’nàr ri aithris, a measg dhaoine mòr’ Alba mar an ceudna. ’N uair a bha Randolph a’ cur an airm an òrdugh air son an ceannairceach ud a chuir sios, bhàsaich e bàs grad ’am Baile nan Feasgan, ’am mìos deireannach an t-samhraidh, 1332. Rinn Pàrlamaid na rioghachd Iarla Mhàrr, caraid eile do rìgh, Raibeart, ’na Thàinistear ’an àite Randolph. Cha bu shaighdear Iarla Mhàrr ann; ’s bha bhuil. Thàinig Eideard Bàiliol air tìr ’s an Eilean-loisgte, ’s àireamh Shasunnach ’ga leantuinn.’ Fhuair e beagan cuideachaidh air taobh ’s ear Alba. Bha Iarla Mhàrr le buidheann de’n arm Albannach air campachadh air monadh Dhuplin, ri taobh amhainn Earna. Agus tha e dearbhta gu’n robh luchd-brathaidh ’s a’ champ aig’, a thug misneachd ’us seòladh do Eideard Bàiliol tighinn orra gun fhios feadh na h-oidhche. Cha robh freiceadan no luchd-fair’ aig Màrr idir timchioll a’ chaimp; agus mharbh daoin’ a’ Bhàliolaich aireamh mòr de na h-Albannaich, ’n uair thàinig iad orra gun fhios, agus an Tàinistear féin ’us triùir no ceathrar eile de àrd mhaithean na tìre’measg chàich. Bha Iarla Mharch a’ triall gu tuath le roinn de’n arm gus an Tàinistear a chuideachadh; ’s ’n uair a chual e mar a thachair chleachd se e féin ’an dòigh co neònach ’s gu’n do smuainich an sluagh gur h-ann air taobh a’ Bhàiliolaich a bha e. An déigh na buaidh big’ ud, ghreas Eideard Bàiliol gu ruig Scoinne, far an d’ fhuair se e féin a chrùnadh. Thug e ’n ath starradh as gu ruig Sasunn a dheanamh ùmhlachd do Eideard, ’s an ath char air ais do Alba gu fleadhachas. Ach cha b’ fhad’ a mheal e ’n onair. Cha’n fhuilingeadh na h-Albannaich a chluinntinn gu’n robh iad gu bhi air an riaghladh le seirbhiseach do rìgh Shasuinn; ’s mar sin rinn iad air son Eideard a rotadh air falbh an taobh as an tàinig e. Thog dithis no triùir de’n fheadhainn bu tapaidh a measg àrd-mhaithean na rioghachd buidheann luchd-leanmhuinn gu folchuidh, ’s thuit iad air a’ Bhàiliolach ’s e air féisd an àite faisg air Annan, ’s ghearr iad ’n am mìribh a luchd-coimhideachd, a measg an robh a bhràthair, ’s theich e féin air muin eich gu ruig Sasunn le leithid de chabhaig ’s nach d’ fhuirich e ri ’fhailuinn a chur uime, no diollaid a chur air ’each. Fhuair Eideard Shasuinn samhladh lethsgeil a nis gu briseadh a steach air Alba, gus an sluagh a pheanasachadh air son an ceannairc. Threòraich e armailt mhòr do Alba, ’s chuir e séisd ri Bearuic, baile mor air a’ chrìch Shasunnaich. Thog Sir Aindreas Muireagh, a bha nis ’n a Thàinistear, armailt bheag, ’s chaidh e gu deas ann ’an coinneamh an t-Sasunnaich. Chuir iad blàr air cnoc Halidoin, mu dhà mhìle o Bhearuic. Chaill na h-Albannaich an latha, ’s bha’n Tainistear féin a measg an fheadhainn a thuit. An déigh a’ bhlàir so thriall Eideard gu tuath, ’s chuir e Bàiliol suas a rìs ’na rìgh air taobh ’s iar ’us tuath Alba, ’s ghabh e sealbh air cearnaibh deas na rioghachd dha féin. Cha d’ fhuair Bàiliol ach àireamh beag de na h-àrd-uaislean gu ùmhlachd idir a thoirt da. Agus an déigh caochladh oidhirpean neo-shoirbheachail a thoirt air ceud de na caistealan a bha ’cumail a mach an aobhar rìgh Daibhidh a cheannsachadh, b’ éigin da ’chasan a thoirt leis á Alba a muigh ’s a mach, agus an déigh sin rìnn e atharrais air an dearbh ghniomh tàireil, fealltach, a rinn ’athair roimhe, ann an toirt seachad riaghladh Alba gu h-iomlan, ’s gu bràth do rìgh Shasuinn; ’s mar shamhladh air a’ mhagaireachd so thug e dha làn a dhuirn de ùir Alb’ agus crùn òir. Ma b’fhior do Eideard III. gu’m bu leòir sud gu làn choir a thoirt dha féin air Alba. Thug e blàthachadh pàighidh do’n Bhàiliolach, a thug a chasan leis do’n Fhraing, ’s cha ’n ’eil eachdraidh a’ deanamh tuilleadh iomraidh air. Rinn Eideard Shasuinn a nis air son Alba fhaotainn air na h-uile cor. ’An toiseach nan trioblaidean so bha Daibhidh òg Brus ga ghleidheadh ’an Caisteal Dhunbartoin, daingneach co làidir ’s a bha ’n Alb’ an uair ud. Ach ’n uair a chunncas gu’n robh rìgh Shasuinn ’s an eadraigin chuireadh Daibhidh a null do’n Fhraing anns a’ bhliadhna 1332, a chum gu’m faigheadh e fòghlum iomchuidh do’n inbhe ’s an robh e, agus gu’m biodh e tearuint’ o chunnart gus an tigeadh e gu aois. Agus lean an cogadh gun lasachadh eadar Alb’ ’us Sasunn am feadh a bha e air chuairt ’s an rioghachd sin. Ach cha ’n ’eil eachdraidh a’ deanamh iomraidh air gun do sheas an t-arm Albannach là blàir ré na h-ùine sin ris an nàmhad an déigh Halidoin. Bhiodh buidhnean beaga gun teagamh, a’ coinneachadh a chéile dhiubh, timchioll air stéidh chaistealan, agus a’ tarruing fol’ o àm gu h-àm. Ach an déigh an là fhuiltich ud a dh’ainmich sinn, tha e soilleir gu’n do lean na h-Albannaich a’ chomhairl a thug rìgh Raibeart dhoibh, ris a bheil “Tiomnadh an deadh rìgh Raibeirt,” air a ràdh. B’e sin, co tric ’s a bhriseadh na Sasunnaich a steach air an tìr, gu’n tugadh an gluagh iad féin as do na beanntaibh, ’s do na h-àitibh garbh eile a bha feadh na dùthcha le ’n cuid spréidh’, ’us gu’n loisgeadh iad na h-uile sion a bha fàs á talamh de ’m b’urrainn an nàmhaid feum a dheanamh; ’s gu’n tugadh so air an arm Shasunnach pilltinn air an ais gun dad air son an saothrach. Agus fhuair na h-Albannaich a mach le’ m féin-fhiosrachadh gu’m b’ e sud dòigh bu fhreagarraiche sam bith air son iad féin a chumail saor o chuing nan Sasunnach. Thàinig Daibhibh air ais gu ’rioghachd féin ’s a’ bhliadhna 1341. Bha e ochd bliadhna deug a dh’aois’ an sin, agus air pòsadh Ioanna, piuthar rìgh Shasuinn. Bha e ro mheasail aig a chuid iochdaranaibh an uair a thàinig e air ais; ach bha aobhar ac’ am barail uime chaochladh an déigh sin. Bha e ro fhada ’na cheann, ro bhras ’na nàdur, ro dhéigheil air cluich, agus anns na h-uile seadh neo-fhreagarrach air son riaghlaidh. Mu’n àm ’s an tàinig Daibhidh air ais do Alba, bha cogadh eadar Sasunn ’s an Fhraing, ni a thug cothrom anail do na h-Albannaich bhochda. Chuir righ na Fraing’ impidh air Daibhidh briseadh a steach air Sasunn le armailt gus an tarruingeadh e uaithe fein ni-eigin de chumhachd na rioghachd sin. Bha Daibhidh co amaideach ’s gun do ghabh e ’n impidh sin o righ na Frainge; ’s bha e co fada ’na cheann ’s gu’m feumadh a ludhd-comhairle, comhairl’ a ghabhail uaithe. Ghabh e air aghart gu deas le àireamh mhath shaighdearan, ag oidhirpeachadh a dheanamh air na Sasunnaich an ni is tric a rinn iadsan air Alba, creachadh ’us losgadh le tein’ ’us claidheamh. Bha Eideard III. ’s an Fhraing an sin. Ach thog na Sasunnaich arm aig a bhail’ a [TD 115] [Vol. 6. No. 15. p. 3] chuir iad an aghaidh nan Albannach. Choinnich an dà armailt aig aite ris an abrar Crois Nebhil. Cha robh Daibhidh ach mu thri bliadhna fichead a dh’ aois an uair sin, agus gidheadh dh’ fheumadh e comannd an airm fhaotainn ’na laimh féin. Dh’ innis àrd-oifigich an airm dha mar bu chòir na daoin’ a chur ’an òrdugh, agus an cunnart a bhiodh ann mur biodh marc-shluagh deiseil air son na fir-bhogha Shasunnach a sgapadh. Cha tugadh Daibhidh éisdeachd do mhòr no do bheag, ach a dhòigh féin a leantuinn. ’S e bun a bh’ ann, chaill na h-Albannaich an là. Thuit mòran de ’n àrd-uaislean ’s a bhlàr, ’s chaidh mòran a ghlacadh nam priosanaich, a measg an robh Daibhldh fein. Lean làmh chli an airm air cath fad an déigh do’n chuid eile an ruaig a ghabhail, tharruing iad an sin air falbh ann an deagh ordugh, agus gu sàbhailt. Bha ’chuid so fo stiùireadh Iarla Mharch, agus Stiubhart Alba. Chuireadh Daibhidh air muin eich mhoir, dhuibh, ’s threòraicheadh e ’m fianuis an t-sluaigh uile, mar phriosanach gu Tùr Lunuinn, far an do choinnich e Iain, righ na Fraing’, a bha co-ionnan mi-fhortanach ris féin, air a dheanamh na phriosunach cogaidh leis a’ Phrionnsa Dhubh mac righ Shasuinn. Chumadh Daibhidh aon bhliadhna deug ’na bhraighdeannach ’an Sasunn. Agus lean Eideard re na h-ùine sin air cogadh ri Alba mar a b’ urrrinn e, le sùil ris an rioghachd a cheannsachadh dha féin gu h-iomlan. Bha cuimhne re ùine fhad’ air garg-ionnsaidh a thug e air Alb’ an toiseach na bliadhna 1355. Tha meud a challa ’rinn e air an turus ud air a chuimhneachadh leis an Fhéill-Bride-Loisgte. Tha e coslach gu ’n robh araon na Sasunnaich ’s na h-Albannaich a’ losgadh ’s an àm ud. Fadheòidh, ’nuair a dh’ aithnich an Sasunnach nach robh feum a bhi ri Alba, leig e cead a choise le Daibhidh, air chumha gu ’m pàigheadh e còrr maith ’us muillean punnd Sasunnach mar éiric air son a shaorsainn. Ghabh Daibhidh os laimh an t-suim sin a thional co luath ’s a gheibheadh e da thir féin. Ach cha robh na muileana co lionmhor an Alb an uair sin ’s a tha iad a nis, bha ’n t-airgiod a’ tighinn an ceann a cheile gu h-anabarrach mall. Bha na fiachan ud mar chlaich-mhuillinn mu mhuinneal an righ, ga chumail ’an seadh àraidh, ’na chiomach, ged a bha ’shaorsainn aige. Agus ’s ann a fhuaradh a mach gu ’n robh Daibhidh a’ cùmhnantachadh ri Eideard Shasuinn air son oighre ’dheanamh dheth air rioghachd Alba, chionn nach robh duine cloinn’ aige fein, air sgàth e mhaitheadh na fiachan da. Ach an uair a thàinig an gnothuch os ceann bùird, b’ éigin do’n righ sgur dheth. Cha robh na h-Albannaich a’ dol idir a ghéilleadh d’a leithid. Bha, mar sin, gnothuch an airgid air fhàgail aig na righribh gus a réiteachadh eatorra mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh iad. B’ ann mu’n àm so a bha plàigh ro eagallach air feadh uile rioghachdan na Roinn-Eòrpa. Bha na h-ainmhidhean féin ga ghabhail o aon a cheile, agus eadhon o dhaoinibh, na ’m buineadh iad ri eudach duin’ a bhàsaich leatha. Bha i air sgaoileadh feadh Shasuinn greis mhaith mu ’n tàinig i dh’ Alb’ idir. Theireadh na h-Albannaich “bàs sgreataidh nan Sasunnach,” rithe. Thachair gu ’n robh armailt Albannach cruinn ’am fridh Shelcirc, ’an ceann deas na rioghachd. Thàinig a’ phlàigh ’n am measg gun fhios cionnus. Chaidh cuig mìle de ’n armailt adhlacadh an sin mu ’n do sgaoil iad o chéile. Ach lean a’ phlàigh iad do gach cearna de ’n rioghachd. Tha luchd-eachdraidh ag aithris gu ’n do bhàsaich treas earrann an t-sluaigh leatha. Gun teagamh ’s i plàigh a b’ oillteil’, agus is mò chuir de uamhas air daoinibh air a bheil iomradh ’an eachdraidh an t-saoghail. Bhàsaich Daibhidh II. ’s a’ bhliadhna 1371, ’s an t-seachdamh bliadhna thar dha fhichead de ’aois, agus rioghaich Raibeart Stiubhart, mac a pheathar, ’n a aite. TEAGHLACH NAN STIUBHARTACH. A measg an àireimh mhòir luchd-leanmhuinn a thàinig á Sasunn do Alb’ an déigh ban-rìgh Mairireit, bha fear Ualter Fits-Alan. Fhuair am fear so an dreuchd urramach sin, a bhi ’na Stiùbhart air teaghlach an rìgh ri linn Dhaibhidh I. An déigh sin thàinig an àrd dhreuchd so gu bhi oighreachail ’an teeghlach Fits-Alain. Agus mar sin thàinig iad gu bhi air an sloinneadh a réir an dreuchd, Stiubhartaich. Bha Ualtar Stiubhart, an seathamh fear de’n teaghlach so ’na àrd-stiùbhart air teaghlach an rìgh ri linn Raibeart Brus. Bha Ualter so ’na shaighdear gaisgeil. Bha Raibeart Brus co riaraichte leis an dòigh ’s an do chleachd an Stiubhart e féin là Allt-a’-Bhonnaich, ’s gu’n tug e dha Margori, a nighean féin, ri pòsadh, an ath-bhliadhn’ an déigh sin. Cha robh duine cloinn’ eil aig a Bhrusach an uair sin. Thàinig Daibhidh a rugadh an déigh sud, a dh’ ionnsuidh a’ chrùin aig bàs ’athar. Ach mar a bhàsaich esan gun chloinn b’i ’phiuthar ’s a teaghlach a b’fhaisg air an rìgh-chaithir. Thug Uilleam, Iarla Dhùghlais, aig an àm cheudna tàmhadh a dh’ionnsuidh a’ chrùin, ged nach robh còir dhligheach sam bith aig’, ach gu’m bu duine buaireasach e, a bha ro chumhachdach; agus is gann a b’ urrainn na Stiubhartaich leis a chlaidheamh cur ’na aghaidh. Ach fhuair e nighean Raibeart II. gu bhi air a pòsadh ri mhac féin. Thug sin air a bhi sàmhach aig an àm, agus chaidh Raibeart II a chrùnadh an sin gu’n neach a’ cur ’na ’aghaidh. Bha e dà fhichead ’s a cùig deug ’n uair a thòisich e air rioghachadh. Bha e air bhi na ’dheadh shaighdear ’na òige. Ach bha e nis gu maith trom; agus bha galar ’s na sùilibh aig’ a bha ga ’n deanamh dearg mar fhuil. Bu duine measail e; ach cha robh e co smachdail, ’s co treun ’s a dh’fheumadh prionnsa ’na àite-san a bhi, air son ùghdarras a ghlacadh ’s a chumail thairis air an t-sluagh. Cha robh smachd sam bith ga chumail orra ri linn riaghladh fann Dhaibhidh, ’s bha na cinn-fheadhn’, araon a tuath ’s a deas air dol ann am fiadh le cogadh ’us creachadh nam measg féin, ’s an aghaidh nan Sasunnach. Ged dheanadh righ Raibeart sìth ris na Sasunnaich, bha teaghlach nan Dùghlasach, ’s cinn-feadhn’ eile ris a’ chrich, ga’m faotainn féin aig saorsainn gus an coimhearsnaich Dheasach a chreachadh an déigh sin uile. Agus bhiodh sin a toirt dragh air an rìgh anns nach robh làmh air bith aige féin. Thàinig buidheann Fhrangach mu’n àm so a chòmhnadh nan Albannach ’an aghaidh nan Sasunnach, ’an dùil gu’m faigheadh iad cliù ’s saoibhreas mar dhuais an saothrach. Bha Admaral de Vinne ’na cheannard air na Frangaich. Chruinnich Richard II., rìgh Shasuinn, armailt ro lionmhor a chuir e nall do Alba. Bha na Frangaich a brosnachadh nan Albannach gu là blàir a sheasamh ris na nàmhaid, ach cha deanadh na h-Albannaich sud. Thuirt na h-oifigearan Albannach gu’n faicteadh gu h-aithghearr na Sasunnaich a’ pilltinn dachaidh le call mhòran sluaigh, ’s gun dad air son an turuis, gun chlaidheamh a tharruing á truaill. B’ amhuil a thachair. ’N uair a chunncas na Sasunnaich a tighinn, chaidh tinntean rabhaidh fhadadh aìr mullaichibh nan cnoc mar a b’àbhaist, aon chnoc, mar gu’m b’eadh ga chur uaithe féin gu cnoc eile. Ghluais an sluagh le ’n cuid spréidhe do ’n ionadaibh a measg nan creag ’s nam beann, ’s chuir iad ri theine an àitean còmhnuidh. Cha’n fhaigheadh na naimhdean dad a dh’itheadh iad, no duin’ air an deanadh iad dioghaltas. Agus an déigh cuairt fhada, sgìth, a ghabhail feadh na dùthcha, phill iad air an ais, a’ fàgail as an déigh mòran de ’n cuid daoin’ ’s each a thuit le sgìos ’us ocras. Aig an àm cheudna thòisich na saighdearan Albannach air creachadh an taobh tuath Shasuinn, far nach robh neach a b’ urrainn seasamh na ’n aghaidh. Thionail iad pailteas creiche ’s bha iad a’ caitheadh na h-ùine glé shòghmhor ’e an tìr bheartaich ud, ’n uair a bha na saighdearan Sasunnach a’ bàsachadh le goirt ’us sgìos ’an tìr fhàsal. Thàinig na Frangaich gu aimhreit air son a lughad ’s a bha iad féin a faotainn de thuarasdal. Ach cha b’e mhàin nach pàighteadh dad dhoibh sin’ an Alba, ach cha ’n fhaigheadh iad cothrom falbh do’n tìr féin gus an gealladh iad pàigheadh air son an cumail suas ré na h-ùine a bha iad ’an Alba. Ach bha ’n Dùghlasach deònach gu leòr air cath a chumail ris na Sasuinnaich ’n uair nach biodh ann diubh ach àireamh cuimseach, ni-eigin cosmhuil ris an àireamh luchd-leanmhuinn a bhiodh aige féin. Bu nàr leis e féin fholuch ’an teugmhail de ’n t-seòrsa sin. An deireadh an t-Samhraidh 1388, bhris an creachadair so a steach air taobh tuath Shasuinn le buidheann lionmhor luchd-leanmhuinn. Chuir Iarla Northumberland a (Air a leantuinn air taobh 118.) [TD 116] [Vol. 6. No. 15. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, 8 OCTOBER, 1897. Domhnull Mac Dhomhnuill. SEANN GHAIDHEAL FIACHAIL. (Eadar. le “Iain Dubh.”) “Robh thu air mhisg na nach robh?” “Cha robh mi air mhisg ach bha drama agam.” “Gu de na bh’agad do dheoch?” “Fhuair mi dà dhrama neo trì, na ’s dòcha tuileadh; gu dearbh cha robh mi gleidheadh cunntas orra.” “Tha fios agad a dhaoine-usail gu bheil caochladh bheachdan aig daoine a thaobh gu de na bhiodh aig daoine do dheoch, ma ’n cainte gu robh e air mhisg.” “Dh’ faodadh d’ thu innseadh c’uin a shaoileadh tu, féin daoine bhi air mhisg?” “Cha shaoileansa gu robh duine air ’mhisg gus an tuiteadh e far am biodh e na sheasamh, ’s nach b’urrainn dha greimachadh air an fheur far an robh e na laidhe.” Cha deach an còr cheistean a chur air Dòmhnull an latha sin. Co-dhùnaidh sin le aon naigheachd eile air Dòmhnull agus na “supervaesors.” Bha e latha buachailleachd ann an aon dhe na glinn os cionn Loch Fìne. Bha e ’cumaill ceithir choin air son an aobhar sin. Bha fear do na gàidserean aig an robh gamhlas do Dhòmhnull, agus rinn e suas ’inntinn gu ’m peanasaicheadh e e na ’m b’urrainn e. “Gu de tha thu deanamh leis na ceithir choin sin a Mhic Dhòmhnuill?” ars’ esan aon latha. “Tha,” arsa Dòmhnull, “toirt an aire air mo ghnothaich féin, agus ’s fearr dhutsa an aire toirt air do ghnothaich féin.” “’S cinnteach nach ’eil feum agad air na ceithir.” “Tha, ’s chuirean feum air urad eile na ’m biodh ’ad agam.” “Chi sinn mu dhéibhinn na cùis sin,” ars’ an gàidsear. Ann am beagan laithean fhuair Dòmhnull sumanadh gu e féin a nochdadh ann an Dùnoin gu cunntas a thoirt a thaobh nach robh e paigheadh cìs air son a h-aon dhe na coin aig. Bidh fios aig an leubhadair gu bheil coin a th’ air an gleidheadh air son ciobaireachd ’us buachailleachd sàor o ’n a chìs bhliadhnail. Fhuair Dòmhnull litir o mhaighstir a dearbhadh gu robh feum aig air a h-uile gin do na coin. Dh’ falbh Dòmhnull gu sùnndach gu Dùnoin le ’cheithir choin ri shàil. Thug e dà latha air an t-astar a choiseachd, ach ràinig e air an latha agus an uair shuidhichte. “Nach ’eil thusa,” ars’ am fear a bha ga cheasnachadh, “a gleidheadh ceithir choin?” “Tha, le’ur cead, ’s thug mi leam iad gus am faiceadh sibh iad.” “O! cha ruigeadh tu leis a bhi aig an dragh, ach c’arson nach ’eil thu paigheadh cìs air son gin dhiubh?” “Tha feum agam air a h-uile h-aon dhiubh.” “’S cinnteach nach ’eil feum agad air a ceithir co-dhiu?” “Tha, agus so agaibh litir o mo mhaighstir gu ’n cuirean feum air urad eile na ’m biodh iad agam,” “Seall dhomh i—Tha sin gu leòr, tha sin a cur crioch air a chùis a Mhic Dhòmhnuill, faodaidh tu féin ’s do chuid choin falbh dhachaidh.” “Cha ’n ’eil,” arsa Dòmhnull, “sin a cur crioch air a chuis, ’s fada mas eil. Bheil guth gu bhi air mo shaothairsa tighinn a so agus saothair mo chuid chon? Seall air mo chosgais an dà latha thug mi air tighinn agus cosgais nan con, agus urad eile dol dachaidh. ’Bharrachd air a sin b’ fheudar dhomh fear a chur nam àite aig an tigh agus deich tastain ’san latha thoirt dha. Agu s a dhaoine-uaisle cha’n ’eil a chùis seachad mar sin idir ’s cha bhi gus an càraich sibh nam’ dhòrnsa ceithir puinnd-Sasunnach.” Sheall a luchd-casaid air a cheile ’nuair a chual’ iad so, agus air dhaibh reusonachadh eatorra féin smaonaich iad gu ’m bu ghlic’ dhaibh na cùmhnantan aig Dhòmhnuill a ghabhail. “Mar sin,” arsa Dòmhnull, “thainig mise dhachaidh le mo cheithir puinnd na mo phòca. Ach bidh iongnadh oirbh c’arson a thug mi leam na coin gu Dùnoin. Ma ta innsidh mi dhiubh rud nach d’ innnis mi dha na ‘supervaesors.’ Bha agam ri dol gu Dùnoin co dhiu, gu treud chruidh a thoir dhachaidh dha mo mhaighstir.”—Highland News. Tha an t-Urr. Iain Mac-an-Tòisich, B. D., a bha fad samhraidh no dha a’ searmonachadh an Louisburg, a nis air a shuidheachadh ann an paraiste an siorrachd Hants. Tha am paraiste mor, agus tha tri eaglaisean ann,—aon ann am Maitland, am Milford ’s an Kennetcook. Buinidh Mr. Mac anTòisich do Mhalagawatch, agus choisinn e deagh chliù dha fhéin mar fhòghlumaiche ann an oil-thigh Dhalhousie. Tha MAC-TALLA a’ guidhe soirbheachadh math a bhi leis ’na shaothair. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 117] [Vol. 6. No. 15. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha teinntean mora air na prairies timchioll air baile Winnipeg, a tha ’cur call mor air na tuathanaich. Tha fear Artur Drapeau air tilleadh á Clondaic gu Ottawa le da cheud mile dolair de dh’ òr. Mu ’n d’ fhalbh e do Chlondaic an toiseach bha e ris an obair-latha. Tha an carbad a nise fàgail Shidni aig sia uairean ’sa mhaduinn, agus cha bhi falbh air ach an fheadhainn dh’ an fheudar. Tha coinneamh gu bhi aig Comunn na Sgoil Shàbaid ann am baile Halifacs Di-luain, Di-màirt, agus Di-ciaduin s’a tighinn. Tha sùil ri àireamh mhath a bhi ann. Tha Seanadh na h-Eaglais Chléirich cruinn ann am Moncton, N. B., air an t-seachdain so. Dh’ fhalbh an t-Urr, I. F. Forbes, ministeir St. Andrew’s, Di-luain gu bhi aig a’ choinneamh. Tha iad ag radh gu ’n d’ thainig barrachd sluaigh a stigh do bhaile Halifax air Dior-daoin an exhibition na thainig ann air aon latha riamh roimhe. Bha an t-exhibition gle mhath, agus tharruinn e moran sluaigh. Chaidh fear Gordon Mac Aoidh, ann am Braid-Albainn, E. P. I., a ghoirteachadh gu dona le tuiteam fo’n charbad-smùide o chionn da sheachdain. Chaidh te dhe ’chasan a phrannadh cho dona ’s gu ’m b’ fheudar a gearradh dheth. Thatar a’ meas gu robh mu mhile de mhuinntir Cheap Breatunn aig an fhéill ann a’ Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh. Aon latha bha aona carbad deug as deigh an eich-iaruinn a’ ruigheachd Point Tupper, agus iad uile làn, Oidhche Shathurna, bha an carbad ceithir uairean anmoch a ruigheachd Shidni; bha e air a chumail air deireadh leis na bha de charbadan eile a’ falbh ’sa tighinn eadar Halifacs us Mulgrave. Tha mèinn òir ann an Nobha Scotia as am bheileas gach mios a toirt mu thri cheud ùnnsa de dh’ òr glan. Tha iadsan leis an leis i ann an New Glasgow, agus tha iad a’ deanamh mile dolair ’sa mhios oirre, a bharrachd air gach cosguis. Cha mhor gu bheil fhios aig duin’ ach iad fhéin ’s aig muinntir a’ bhaile càite bheil i no gu bheil a leithid ann idir, ach ’nam b’ ann an Clondaic a bhitheadh i, chluinneadh an saoghal m’a deibhinn o chionn fhada. Chaochail seana mhinisteir de ’n eaglais Lutheran ann an Lunenburg o chionn da sheachdain air ais, an t-Urr. Dr. Cossman. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon deug a dh’ aois, agus bha e ’na mhinisteir tri fichead bliadhna. Ré na h-ùine sin, bhaist e ceithir mile pearsa, rinn e sia ceud us ceithir fichead pòsadh, bha e aig mile tiodhlacadh, shiubhail e da cheud mile de mhiltean, agus rinn e aona mile deug searmon. B’e aon de na ministearan bu shine bha ’n Nobha Scotia. Oidhche Di-luain s’a chaidh, bhrist teine mach ann an tigh le Alfred Boutilier, air sràid Falmouth, agus chaidh a losgadh gu dona. ’S ann eadar uair us da uair ’sa mhaduinn a thòisich an teine, agus bha e air greim math a dheanamh mu’n d’ fhuaireadh an t-uisge g’a ionnsuidh. Ghabh an teìne greim air mullach a mhansa, a tha ri taobh an tuighe, ach fhuaireadh a chur as mu ’n d’ rinn e call mor sam bith. Chaidh sabhal beag a bh’ air cùl an taighe a losgadh cuideachd. Cha ’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Na ’n robh stoirm air a bhi ann bhiodh call mor air a dheanamh anns a’ bhaile, ach gu fortanach bha ’n oidhche ciùin, samhach, agus cha d’ fhuair an teine mar sin cothrom sgaoileadh. Cha d’ fhuaireadh fhathast a mach có thainig ri beatha ’n Armenianaich a fhuaireadh marbh ann an siorrachd Cholchester o chionn da sheachdain air ais. Cha deach a robaigeadh idir, agus cha ’n eil fhios air aobhar sam bith a bhiodh aig duine a mhort. Cha ’n eil fhios nach b’ ann le sgiorradh a chaidh a mharbhadh. An t-Ard-Riaghladair ann an Ceap Breatunn. Bha an t-Ard-Riaghladair agus a Bhain-tighearna ann an Sidni oidhche Di-màrt agus ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Thainig an carbad-smùide a bha ’g an giùlan féin ’s an cuideachd a stigh mu leth-uair an deigh seachd, agus an deigh do’n t-sluagh fàilte chur orra aig a chala, chaidh an toirt ann an carbadan troimh ’n bhaile. Bha na taighean agus na stòraichean air na sràidean troimh ’n deachaidh iad air an soillseachadh gu briagha, agus bha àireamh mhor sluaigh ’g am feitheamh anns gach àite ’s ’ga fàilteachadh gu cridheil. An deigh cuaìrt a chur mar sin air a’ bhaile chaidh iad air ais do’n charbad, far ’n do chuir iad seachad an oidhche. Anns a’ mhaduinn, aig deich uairean, chaidh na saor-dhionadairean ’nan choinneamh le piobaire (Iain Siosal á Pictou, agus’s math am piobaire e) air an ceann, agus threóraich iad iad gu tigh-na-cùrtach far an robh òraid di-beathachaidh air a liubhairt le Mr. Raonull Gillios air son a bhaile. Rinn an t-Ard-Riaghladair òraid thaitneach, anns an d’ thug e taing do mhuinntir Shidni agus Cheap Breatunn air fad air son na fàilte chuidheil a chuir iad air fhéin ’s air a chéile. Leabhair a Bhain-tighearna beagan fhacal ann an Gàilig, a’cur fàilte air Gàidheil Cheap Breatunn, agus ag innse cho toilichte ’sa bha i bhi ’nam measg Rugadh agus thogadh ise air i’ Ghàidhealtachd. An deigh do’n Ard-Riaghladair beagan a labhairt aig dorus tigh-na-cùrtach, chaidh a chuideachd air adhart dh’ionnsuidh an tighe-sgoile, far ’n do labhair e a rithist, agus far ’n do sheinn a chlann a dha no tri dh’ òrain air dhòigh a chòrd ris na h-uaislean anabarrach math. An deigh sin, chaidh iad dh’ionnsuidh a’ Chonvent far an d’rinneadh tuilleadh leabhairt, agus seinn; á sin chaidh iad air ais dh’ionnsuidh a’ chala, agus an ceann beagan mhionaidean dh’ fhalbh an carbad leotha gu Louisburg. Thainig iad air ais gu Sidni air an oidhche. ’Sa mhaduinn’chaidh iad a null air a’ bhàt-aiseig gu Sidni Tuath, agus un deigh treis dhe’n latha chur seachad an sin ghabh iad air adhart dh’ ionnsuidh nan Narrows Mhora. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil iad á sin a’ dol gu Baddeck agus gu Hogamah mu’m fàg iad an t-eilean. ’Se so a’ cheud uair do’n chàraid uasail so bhi ann an Ceap Breatunn, agus ’se ’s dòcha nach ceadaich `uine dhaibh tigh’nn ann tuilleadh; ach ’si ar barail fhéin nach bi aithreachas sam bith orra air son a’ chuairt so a thoirt, oir chaidh làn dith am beatha dheanamh, agus rinneadh gach ni air an son a shaoil an sluagh a bheireadh toil-inntinn dhaìbh, agus a chuireadh urram orra mar luchd-ionaid na Bàn righ’nn. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .30 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MACKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 118] [Vol. 6. No. 15. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 115.) dhithis mac, Sir Eanruic agus Sir Ralph Perci, ’an coinneamh nan ceatharnach Albannach gu stad a chur orra. Chaidh na fir am badaibh a chéil’ air taobh a muigh balla Caisteal Nomha. Theireadh iad Hotspur ri Sir Eanruic a thaobh co bras ’s a bha e. Bhuail am fear so agus Iarla Dhùghlais air còmhrag ri chéile mar dhà churaidh. Anns a’ chòmhrag so fhuair an Dùghlasach greim air sleagh an t-Sasunnaich, ri mìr grinn de shide air a ghréiseadh le neamhnaidibh air an robh dealbh leòmhain air a tharruing. Thog an Dùghlasach an comharradh buaidh so gu h-àrd os ceann a chloiginn, ’s ghlaodh e gu’n tugadh e leis do Alb’ e, ’s gu’n càireadh e air a’ chaisteal féin an Dail-cé e. “Cha dean thu sin gu bràth,” ars an Sasunnach, “coisnidh mi fathast mo lann, mu’m faigh thus air t-ais a dh’ Alba.” ’S ann mar sud a bha. ’N uair a thruis an Dùghlasach de chreich na chaidh aig air, thionndaidh e aghaidh gu tuath. Ach ’n uair a rainig e àite ris an abrar Oterburn, mu fhichead mìl’ o chrich Alba, rùnaich e campachadh an sin gun fhios nach tugadh Hotspur oidhirp air a’ lann a chosnadh a rìs. Bha ’n cluich co milis ’s gu ’m bu mhòr am beud leis an Dùghlasach a leigeadh seachad. Mu anmoch an dara feasgar an deigh dhoibh stad, bha na h-Albannaich a’ gabhail an suipeir, ’s cuid air gabhail mu thàmh, ’n uair a chualas àrd-ghlaodh, “Perci, Perci.” Bha ’n oidhche soilleir le àirde gealaich. Bha na h-Albannaich an ordugh cho luath ’s a ghabhadh e deanamh; sheas na laoich aig a cheile. Chuireadh bratach an t-Sasunnaich mu choinneamh bratach ’an Dùghlasaich. Ach bha triuir aig Hotspur mu ’n aon a bh’ aig an Dùghlasach; agus goirid ’an deigh bualadh gu chéile thòisich na h-Albannaich a’ dol an coinneamh an cùl. Air faicinn sin do ’n Dùghlasach ghabh e tuagh chath’ anns gach làimh ’s ghlaodh e mach, “Dùghlas! Dùghlas!” ’s réitich e rathad dha féin troimh an nàmhaid. Ach mu ’n gann a bha sin deanta thuit e sios air a leònadh le trì lotaibh bàsmhor, ’s cha bu luaithe a bha e ri talamh na chuir Sasunnach eil’ an tuagh troimh ’n cheann aige, ’s gun fhios aige c o bh’ ann. Bha càirdean an Dùghlasaich féin air a chulaobh ’s mu ’n cuairt da, agus air tòiseachadh le neart nuadh a’ cur air ais nan Sasunnach. Dhlùthaich Sir Iain Sinclair, a bu charaid dha, ris, ’s a’ togail a chinn làn fola o’n talamh thuirt e, “Cionnus a tha thu charaid?” “Cha ’n eil ach gu meadhonach,” ars an ceann-feadhna, “ach buidheachas do Dhia, cha do bhàsaich ach tearc de ’m aithrichean air an leabaidh. Tha mi guidheadh ort mo bhàs a dhioladh, oir tha mo chridhe a dol an laigead na h-uile tiota: tog mo bhratach a tha air an làr o bhàs an uasail a bha ga giùlan, ’s thoir do neach eil’ i; ghlaodh Dùghlas! ’s na innis do charaid na do eas-caraid nach eil mi ’n ’ur measg.” Air a sin bhàsaich e; thilg iad falluing air a’ chorp, ’s rinneadh mar a dh’ iarr e. An uair a chuala na h-Albannaich an glaodh-catha, thionail iad timchioll na brataich, ’s bhrùchd iad air ais na Sasunnaich, a thionndaidh an cùl riutha ’an ùine ghoirid. Ghlac iad moran diubh ’n am prìosunaich, a measg an robh Hotspur féin. B’ ann mar so a choisinn an Dùghlasach marbh a’ bhuaidh. Thug iad a chorp do Abaid Mhelros, ’s chroch iad sleagh an t-Sasunnaich os ceann na h-uaigh a rinneadh dha. Bhàsaich Raibeart II. ’an deadh shean aois, anns an fhicheadamh bliadhna de ’rioghachadh. Dh’ fhàg e ceathrar mhac, agus rioghaich am fear bu shine dhiubh, ris an abrar Raibeart III., ’na àite.—Eachdraidh na h-Alba. Beachdan nan Gaidheal. Tha cuid ann a tha ag aicheadh gu ’n d’ thug na Gaidheil aoradh, aig am air bith, do ni no neach ach dhasan d’ an dlighe aoradh: their iad gur tuaileas a tha air a chur orra an uair a theirear mu ’n deibhinn gu ’n robh iad a’ toirt aoraidh do Bhàl no do ’n ghrein. Tha iadsan a tha de ’n bharail so ag radh nach eil na facail, “Bealltainn”—Bàl-teine, agus “miorbhuil”—meur-Bhàil, a’ dearbhadh ni air bith, oir, gur e “Beuil,” ’s e sin beatha-uile, an t-ainm leis an do chomharraich na Gaidheil a mach an Ti ud a’s e Ughdar gach ni. Tha iadsan a tha d’ an bharail so a’ faicinn, eadhon anns na h-altairean ud, mar a tha an altair faisg air an Oban, dearbhadh cha ’n ann air iodhol-aoradh, ach air an fhior aoradh. Tha na h-altairean so do ghnath air am faotainn ann an sealladh beinne eigin, aig am bheil tri barranna no binneinean; agus tha a’ chuid d’ an altair air an robh an iobairt air a tairgseadh air mullach cinn na nathrach. Tha a’ bheinn, deir iad, ’n a samhladh air an Trianaid bheannaichte—’n a triuir, ach fhathast ’n a h-aon; agus an altair air ceann na nathrach a’ leigeil ris na buaidh’ a bha ri bhi air a toirt leis an Ti ud a b’e “Siol na mnatha a bhruth ceann na nathrach.” Cha ’n eil teagamh nach robh cuid de fhirinn air a measgadh leis gach seorsa saobh-chreidimh agus iodhal-aoraidh; agus bhitheadh e ’n a chuspair gle fhreagarrach do chuid de na h-ard-sgoilearan gleusta a tha ’deanamh comhnaidh leibh, oidheirp a thoirt air solus a chur air eachdraidh bharailean agus ceud-chreideamh nan Gaidheal. Bheir mi nis seachad sgeul beag eile trid an d’ thug na seann daoine oidheirp air ni ann an nadur a mhineachadh. Tha eilean beag ’n a laidhe faisg air corsa aon de eileanan mora Innse-Gall, anns am bheil e air a radh, nach fhan nathair beo. Cha ’n eil fhios agam am bheil so fior, ach tha gu leoir de nathraichean nimheil anns an eilein mhor. A nis, tha a’ cheart ni air a radh do thaobh Eirinn. So agaibh an seol air an do mhinich na seann sgeulachdan a’ chuis. Tha e air a radh gur e mir de dh’ Eirinn a tha ’s an eilean bheag—gu ’n robh air maduinn shamhraidh araidh, anns na linntean ud anns an robh famhairean ag aiteachadh nan cearna so, aon de mhnathan-uaisle nan curaidhean uamhasach sin a’ miannachadh sgriob a thoirt a nall á Eirinn do dh’ Albainn. Ann an aite dol air bord luinge no bata, chuir i truisealadh oirre fein a’s ghabh i nall troimh linne bhuaireasaich nam beuchd, mar gu ’m biodh neach a’ dol thar aite tana na h-aibhne. An uair a bha i ’tarruing dluth air cladaichean na h-Alba leig i sios an truisealadh a bha oirre; agus ’d e a bha ach an t-eilean beag aice ann an luib a sgiort gun fhios aice air, ged a tha mu dha chota-ban fearainn ann. Thuit an t-eilean an sud, agus an sud tha e fhathast. Tha cuimhne agam aon uair a bhi ’labhairt ri seann duine coir a bha a’ lan chreidsinn an sgeoil so. Dh’ oidheirpich mi air a dhearbhadh dha cho tur an aghaidh naduir ’s a bha an ni. Cha rachadh agam air a chur as a bheachd fein aon lide; agus thar leam gu ’m bheil mi a’ faicinn fhathast mar a las suil an duine choir le lan bhuaidh, an uair a chuir e ceisd rium a bha e lan chinnteach a thilgeadh bun os cionn mo mhi-chreideamh anns an sgeul. “Ciamar, mata,” ars esan, “a mhinicheas tu a’ chuis nach fan nathair beo an Eirinn, agus nach motha dh’ fhanas aon beo anns an eilean so?” Cha d’ thuirt mi-fhein diog, oir bha ’fhios agam gu math ged a dhearbhas tu ni an aghaidh a thoile air neach, gu ’m bi e gun chaochladh bharail ’n a dheigh sud uile. Is iomadh uair uaithe sin a smaointich mi gu ’n robh reusonachadh an duine choir a cheart cho diongmholta ris a’ cho-dhunadh a chum am bheil daoine foghlumta a’ teachd a thaobh iomadh aon de na ceisdean deacair ud a tha an comhnuidh a’ teachd f’ar aomhair; oir, ged a ni sinn gaire fochaide air creideamh an t-seann duine mar ni amaideach, agus a dh’ ardaicheas sinn beachdan nan teallsanach leis ria h-ainmean, foghlum, agus ealainn, tha cuid dhiubh a cheart cho gorach ri naidheachd an eilein. Cha ’n eil ach bliadhna no dha o’n thug aon de luchd-teagaisg Oil-thigh Ghlaschu seachad barail a thaobh na doighe anns an d’ thainig beatha a dh’ ionnsaidh an t-saoghail so againne air tus a bha mile uair na bu mhi-choltaiche na ’n sgeul mu ’n bhan-fhamhair; oir gorach agus mar ’tha a’ bharail, bha e a cheart cho daicheil gu ’n d’ thug ise an t-eilean ’n a h-uchd agus gu ’n d’ thainig sioga do sin seanair Adhaimh a chum an t-saoghail so air tus mar dhaol, an crochadh ri spitheig bhig a bha air a siapadh o shaoghal eigin eile a chaidh ’n a bhloighdean anns an iarmailt. Chaidh fuadach air barailean faoin nan Gaidheal, ach cuin a threigeas na teallsanaich am beachdan amaideach ’s a shiubhlas iad anns an t-solus fhior a tha ’dearrsadh o ghrein an aigh? Am MAC-TALLA gu deireadh na bliadhna 1898 air son dolair. Cuir dolair ’ga iarraidh gun dàil. [TD 119] [Vol. 6. No. 15. p. 7] Gnothuichean an t-Saoghail. Cha ’n eil ach ùine ghearr o’n thoisich sinn air eolas ceart fhaotuinn mu dheibhinn farsuingeachd uamhasach na h-airde ’n Iar-thuath. An uair thoisich iomradh air rathad-iaruinn a cheangladh comhnardan lion-mhor, leathunn a chearna ud, bha daoine ’saoilsinn gur e amaideachd eagallach a bha am beachd an luchd-riaghlaidh a bha ’creidsinn gu bitheadh gliocas no tabhachd air bith ann a bhi ’nasgadh na tire iomallach ud agus roinnean eile Chanada le rathad-iaruinn. Is ann gun teagamh le dragh anabarrach ’us le innleachd sonruichte ’shoirbhich leis an Ridir Iain Mac Dhomhnuill ann an rathad a dheanamh a bhitheadh fosgailte air feadh na bliadhna eadar an da chuan a tha ’n an crioch luasganach do Chanada. Is e duine fior-ghlic, ’us tapaidh, ’us crionnta, ’us cumhachdach a bha ann an Iain Mac Dhomhnuill. Tha e ’nis tosdach ann an suain a’ bhais. Tha gach neach direach, onorach, ann an Canada ag aideachadh nach robh riamh anns an dùthaich fear-riaghlaidh co seolta, stolda, treun, easgaidh, ealanta, ri Mac Dhomhnuill. Le moran spairn agus an aghaidh iomadh doilghios agus fanoid, chuir e air chois cuideachd de dhaoine beartach, gaisgeil, a ghabh os laimh rathad-iaruinn a dheanamh agus a chriochnuich e ann an uine gle ghoirid. Bha iomadh neach ag radh nach paigheadh an rathad so gu brath, agus gu bitheadh e daonnan ’na chulaidh-mhagaidh ’s na struidheadh airgid gach bliadhna do ’n dùthaich. Tha e fior gu leoir gu bheil sinn a’ paigheadh riadh trom airson an airgid leis an deachaidh an rathad-iaruinn a dheasachadh. Gidheadh tha oighreachd bheartach, eireachdail againn anns an Iar-thuath. Cha bhitheadh anns an oighreachd luachmhor ud ach dileab bhochd, shuarach dhuinne, mur bitheadh againn comas air dol g’a h-ionnsuidh agus mur faodadh iadsan a tha ’comhnuidh innte gach cruineachd ’us eorna ’s gach barr gasda ’thogas iad agus a’s urrainn iad a sheachnadh a chur no a ghiulan gu margaidhean mora na Roinn-Eorpa. Tha ’n rathad iaruinn a tha ’nasgadh da thaobh Chanada a soirbheachadh gu maith agus gu ro-mhaith. Tha daoine seolta, tuaireamach, curamach ’ga ghleidheadh an ordugh, agus tha e ’cosnadh moran airgid. Is i a’ cheisd chudthromach a tha ’nis ag iarraidh fuasglaidh, ciamar a bhitheas e comasach toradh trom ’us iomadach na tire uire, shasmhoire ud, a thabhairt ann an uine iomchuidh gus a’ mhargadh a’s modha ’s a’s fearr. Tha dochas laidir againn, o’n tha iomradh co fabharach, ’us co cliuiteach air feadh an t-saoghail mu na h-ionmhasan iongantach a tha air uachdar a’ ghrunnd, agus fo ’n fhoid ghuirm, agus fo ’n chreig chruaidhe, anns an Iar-thuath, gu tig thar a chuan le deothas ’us dealas duineil, sluagh lionmhor a ni tuineachadh anns an tir ud, agus a dh’ fhosglas suas le gairdean laidir, farumach, an storas miorbhuileach air am bheil samhchair nan linn fathast a’ luidhe. Chunnaic daoine furachail bho cheann iomadh bliadhna gu bitheadh feum ann an uine ghoirid air rathaidean-iaruinn eadar Manitoba agus roinnean eile na h-airde ’n Iar-thuath, agus Bagh Hudsoin. Bu ghnath le cuideachd Bagh Hudsoin longan a thoirt a stigh thar a chuan bho Bhreatunn gu ceann an iar a’ bhagh ud. Cha ’n eil fios cinnteach fathast cia co fada ’s a tha ’m bagh fosgailte anns a’ bhliadhna, agus co-dhiu a tha e comasach bàtaichean-smùide laidir a sheoladh le tearuinteachd anns a’ bhagh so ré ceithir no coig de mhiosan anns a’ bhliadhna. Cha ’n eil eolas pongail, ceart againn fathast mu ’n bhagh fharsuing ud: mu gach creag, ’us ros, ’us sruth, ’us camus, ’us aite tana ’tha bho ’bheul, agus air gach taobh mu ’n cuairt da. Tha reotha cruaidh ré cuibhrionn mhor de ’n aimsir mu thimchioll a’ bhagh: agus tha ’n t-seoladaireachd gle chunnartach, ’us gle dhuilich do bhrigh gu bheil cnuic arda de’n eigh a cuartachadh a’ Bhaigh. Tha gach duine cinnteach aig a bheil eolas air an Iar-Thuath ’s air gach barr is ionmhas a ghiulaineas e; gu bitheadh maith mor air a charamh oirre; us gu rachadh i air a h-aghaidh le ceum foirmeil deifireach—nam bitheadh rathad-iaruinn a ruigheachd Bagh Hudson, ’us nam bitheadh e comasach re ’n t-samhraidh do longan agus do bhataichean-smùide tighinn o’n Roinn-Eorpa thar na fairge bheucaich agus dol air an ais o’n Bhagh le luchd trom de chruinneachd us de gach barr ’us bian, ’us de gach damh ’us each ’us caora ’tha r’ am faotainn ann am farsuingeachd reamhar shultmhor na h-Iar-Thuath. Rinneadh oidhirp o cheann bliadhna no dha air eolas feumail ’us seasmhach fhaotuinn air a’ Bhagh ’s air gach sruth ’us creag ’us acarsaid a bhuineas da. Tha aig an am so fein, daoine ealanta anns a’ Bhagh a chuir luchd-riaghlaidh Chanada suas an toiseach an t-samhraidh le bata smuide chum gu gabhadh iad beachd ’us dearbh-bheachd air a Bhagh; air an am anns am bheil an t-slighe eadar e-fhein agus an cuan fosgailte; air cia co domhainn ’s a tha na h-uisgeachan aige; agus mar an ceudna cia co pailt ’s a tha na mucan-mara, agus mar so cia co mor ’us cia co tarbhach ’s a dh’ fhaodas an t-iasgach a bhi ann. Tha dochas laidir againn gu tabhair na daoine so sgeula maith leo air an ais, agus gu tòisich gun mhoille dichioll ’us aghartas ann an rathad-iaruinn a dheanamh gu Bagh Hudson. CONA. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St Boston, Mass. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 120] [Vol. 6. No. 15. p. 8] Oran A rinneadh le Mhaoilish Mhic Ille-mhaoil ann an Finch, Ont., air leabaidh a bhais. Tha mi fo phramh ’s mi gun sunnd gun abhachd ’S mo chridhe craiteach fo mhoran sgios Gun d’ fhalbh mo chaileachd mo lus ’us m’ aileachd A stri ri cacha cha teid mi chuidh. Gun d’ fhalbh mo speirid, tha mi air geileadh, Mo neart a threig mi ’s mi air mo chluidh, Nach bochd an t-eacail a lot cho geur mi ’S a dh’ fhag gu leir mi ’nam chaisil chruinn. Ach O, mo thruaighe, nach mi tha truagh dheth! ’S mi air mo chuaradh an ioma càs, Mo chom air cruachadh ’s mo neart air fuadach, Mo làmh bho ’n ghualain air shorg gun stà. Mo chasan cuaileach air fas mar bhuailtean, Gu ’m bi iad fuar air an latha bhlàth, ’S e ’n t-eucail bhuan dhomh a rinn mo bhualadh, ’S a bheir do’n uaigh mi an ùine ghearr. Nach beag an t-ioghnadh ged bhithinn tùrsach, ’Sa nis am mùthadh air tigh’nn am chòir, Bha greis dheth m’ ùine ’s bu mhor mo dhùil Ri gu faighinn cùisean a chur air dòigh. Gach latha brùite chaidh mi gu m’ dhùlan, ’Us falus drùiteach a tigh’nn roimh m’ fheòil, ’S a dh’ aindeoin cùram is aird na h-iunnsaidh ’S e ’s fheudar crùban an so fo leòn. Gu’m b’e sid m’ àbhaist ’nuair bha mi slàinnteach, Bu mhiann leam abhachd ’us sunnd ’us ceòl, Bhi mair ri càirdean gu cridheil gàireach, A cuir ri ràbharst ’s a gabhail spòrs. Ach dh’ fhalbh an là sin ’s cha till gu bràth e, Tha mis an àite sud a faighinn bròin, Cha’n aois a chràidh mi ach iargain shàraichte A thug a bhàn dhiom mo neart ’s mo threòir. Bha greis dheth m’ làithean a bha mi làidir, A stri ’sa spàirnn gu’m bu mhor mo shunnd, Mo bheachd gu dàna gu’m mairreadh slàinte, ’S nach tigeadh fàilinn a feasd a’m lùih. A nis bho ’n thàrladh gu’n d’ fhuair mi ’n cràgh-lot, Gach cas ’s gach lamh air an cur fo chuing, Gun chomas tàrsin a shealltain nàbaidh, Ach suidhe sàmhach an os leam fhìn. A shaoghail bhreugaich, gur beag mo spéis dhiot, ’S cho tric ’sa dh’ éignich thu mi bho’m chòir, Bho’n dh’ fhalbh ma speirid cha dean thu feum dhomh, A dh’ aindeoin éigin gan tig ’am chòir. Gach gealladh breugach a thug thu riamh dhomh An dùil gu’n lionadh tu mi le d’ phròis Le ruith gu diamhain a stigh fo’d liantaibh Le sid a dheanamh gu faighinn stòr. ’S a nis a dhaoine ’fhuair tusgse ’s faoghlum Air staid an t-saoghail ’s air ’uile ghnà, Ciamar dh’ fhaodas sibh ruith cho faoin leis, Na ’n dùil gu faod sibh bhith feasda slàn. Ma bhios sibh smaoineach gur mòid ur gaol air Tha ’m peacadh daonnan an cos na stràichd, Ur n-olc cha shaor e nuair gheibh an t-aog sibh, ’S a dh’ aindeoin aon ni gu faigh sibh bàs, A shaoghail ghrànnda! nach meirg bheir gràdh dhut, ’S cho tric ’s tha ’n àithne cur saragh oirnn, Bho’n pheacaich Adhamh an tùs ’sa ghàradh Gur bochd an fhàgail tha aig ar seòrs’. Ar miann tha ghnà chum maoin a thàrsinn Ged thuirt ar Slànaighear mu luchd a stòir Gu ’n teid an càmhal roimh chrò na snàthaid Mu’n teid fear saibhir a stigh chum glòir. An tùs ar làithean ’us teachd ar nàdair Tha ioma fàilin gle làidir òirnn, Gur h-aobhar tàir e ma ni sinn àicheadh Gach fasan gràinneil tha measg an t-sloigh. Mur bi sinn riomhach gu faigh sinn di-meas, Gu’n teid ar dìteadh air iomadh dòigh, Cha ’n fhiach an fhìrinn ged theid a h-innseadh, ’Sa h-uile mi-loinn is uaisle glòir. ’S a mhuinntir rùnach, nach mor an diubhail Cho beag ’s tha chùram an diùltais oirnn, ’Nuair thig a chùis ud cha ghabh e dióltadh ’S cha’n fhaigh sinn ùine gu cur air dòigh, Bidh breitheamh dlùth oirnn ’s gur ceart an cunntas Gu faic ar sùilean gach uile ghò A’s peacadh drùiteach rinn sinn a ghiùlan ’S gun tug sinn rùn dha le ’r n-uile dheòin. A nis a chàirdean, cho fad ’s is dàil e Bithibh trà air ur cur air dòigh, Ma thig am bàs agus sibh am fàilin Gu’n teid ur n-àicheadh aig bial a mhòid. Sin an uair a’s leur dhuibh am math a thréig sibh ’S a h-uile h-éucoir d’ an tug sibh deòin, Gun chomas réite tha diùltas Dhé oirbh An teine péine ’gar cumail beò. Nach meirg do dhaoine bheir spéis do’n t-saoghal ’S do nithean faoine nach mair ach gearr, ’Se ’s còir bhi daonan ri stri ’s ri saothair Gun fhios de ’n taobh air a faigh sinn bàs. An Dia thug gaol dhuinn ’sa cheannaich daor sinn Toirt cuireadh saor dhuinn a chum na slàinte, Tha ’thobar faolidh, cha ghabh e traodhadh, ’S e mach a sgaoileadh bho’n Charraig lann. Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. FLUR AGUS MIN direach as na muillnean. (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.) TI, SIUCAR, TOMBACA, etc. Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID. ALASDAIR MARTUINN. Sidni, C. B., Sept. 1, 1897. [TD 121] [Vol. 6. No. 16. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE, 15 OCTOBER, 1897. No. 16. Litir a New Zealand. O chionn treis a dh’ ùine air ais cha robh mi a’ sgriobhadh cho tric ’sa b’ àbhaist dhomh; cha b’ ann idir le cion toile, ach bha mi motha ’s driopail re na h-ùine sin le gnothuichean mo dhreuchd, gnothuichean air nach b’ urrainn mi dearmad a dheanamh idir. ’N uair a bhios mi a’ sgriobhadh mar so, tha mi mar gu ’m bithinn na b’ fhaisge air mo chàirdean, agus ann a bhi ’conaltradh riu, tha pailteas ri innse. Cha ’n eil a’ cheud sealladh de’n dùthaich so idir taitneach; tha moran di fo choille, agus a chuid nach eil tha e air a chòmhdach le rainneach an àite feòir agus fochainn. Tha na cearnan so garbh, cnocach, ach gun bheanntan cho àrd ’sa tha iad anns an eilean a deas; tha iad an sin còrr us deich mile troigh a dh’ àirde. Tha aon chnoc gun bhristeadh, coltach ri cnàimh-droma, o’n dàrna ceann de ’n eilein dh’ ionnsuidh a’ chinn eile. Tha an druim sin a’ dealachadh nan uisgeachan gus gach taobh. An àiteachan tha cinn nan gleann a’ tighinn faisg air a chéile, agus tha sin a’ fàgail na droma caol, corrach. An aon àite àraidh chaidh duine mor, tapaidh, casa-gòbhlach air an druim, cas air gach taobh. Bh’ uaithe sin tha spuirean agus phabhtean a’ sineadh agus a’ leudachadh a mach mar gheugan craoibhe an talamh còmhnard. Tha uisge ruith eadar na spuirean a tha deanamh allt, tha na h-uillt sin ’g am falamhachadh ann an amhuinn a tha ’togail cinn aig bonn an droma far an deach an duine dh’ ainmich mi casa-gòbhlach. Tha coille mhor eadar na spuirean, no anns na glinn so, a tha toirt fasgadh agus dubharadh do spréidh anns an t-samhradh. Tha an druim so cho cnocadh an àite sam bith eile ’s gu bheil i duilich a leantuinn. Neach a tha eòlach leanaidh e ceum nam mucan-fiadhaich. Tha rathad-mor aca troimh ’n choille agus ceum an darna taobh chun an uisge. Aithnichidh am fear eòlach na h-uile car a tha mhuc a’ cur dhith air son an druim a leantuinn. O chionn da fhichead bliadhna chuir am fear-riaghlaidh airgead air leth air son “Rathad-mor a’ chinn-a-Tuath” fhosgladh. Bha an dùrachd math, ach cha robh an cleachdadh. Bitear a’ deanamh a leithid sud air son toileachadh an t-sluaigh. Chaidh fear-tomhais no fear-ruith rathaid a chur air obair, agus chaidh e air adhart astar mor. Bha e-fhéin agus a sgioba ag obair air tuarasdal latha, agus bha iad a réisd coma ciamar a bhiodh an rathad. Bha e ’dol o chnoc gu cnoc, an àiteachan cho fior chas ’s gu ’n saoileadh neach gur h-ann a bha e air an t-slighe dh’ ionnsuidh na gealaiche. Sin ’nuair fhuair iad a mach gu robh an druim na lùban bho thaobh gu taobh, tarsuinn an dùthaich coltach ris an litir S. Chaidh “Rathad-mor a chinn-a-Tuath” an sin ’na cheò. ’Nuair a chaidh fearainn a thogail, chaidh eòlas a chur air an duthaich, agus tha nise rathaidean matha air an deanamh troimh na glinn agus troimh àitean anns am bheil sealladh greadhnach. Tha iomadh seorsa talmhainn anns an dùthaich. Gu tric tha ’n talamh a’s fhearr air mullach nan cnoc. Tha cuid de a tha gle mheallta; chuir e iomadh duine gu bochduinn a bhi stri ris. An talamh a’s fhearr a th’ anns an dùthaich, theirear ris, “talamh crith-thalmhainn.” Tha e ri fhaotainn ann an iomadh cearna de ’n dùthaich, bho mhile gu còrr us deich mile acaire anns gach àite. Tha talamh eadar-dhealaichte làimh ris, mar a’s trice an talamh a’s miosa, agus faodar sgian a chur eatorra. Thog an talamh so a cheann ’nuair a bha ’n dùthaich beothail le beanntan-teine. Tha àireamh bheag de na beanntan-teine so againn fhathast. Tha cnuic ann an àiteachan a tha togail an cinn mu cheud troigh a dh’ àirde. Tha slochd domhainn no cupan ann am mullach gach aoin dhiubh, agus fosgladh anns an darna taobh dheth air son ruith a leigeil leis an smùir ’s na clachan leaghte ’nuair a bha iad ’nan teine. Tha beinn de ’n t-seorsa so faisg air baile mor Auckland; chithear i astar fad air falbh. ’Nuair a thig coigrich do ’n dùthaich, theid iad gu mullach na beinne sin, agus chi iad sealladh briagha air an dùthaich fad us farsuinn. Tha cuid eile de na cnoic a dh’ ainmich mi nach eil fosgailte ’nam mullach idir. Cha robh a’ chrith-thalmhainn cho fior bhras far am bheil iad sin. Chaidh an talamh a thogail suas ’na mheall mor gun bhristeadh air idir. Tha am fearann an sin air dath donna-ruadh, agus tha e gle fhuasgailte, agus ann an àiteachan àireamh throighean a dhoimhnead. Togaidh e fiar no barr eile gun mhathachadh sam bith. Tha an talamh so neo-chumanta math air son spréidhe; fasaidh iad reamhar an ùine ghoirid. Chaidh a h-uile ploc dhe ’n fhearann so a thogail leis a’ cheud sluagh a thainig ann, ach tha moran de fhathast aig na Maoraich. Tha pris mhor air, eadar coig us deich puinnd Shasunnach an t-acaire. Tha cuid de ’n talamh so air am bheil moran chlach, a tha gle chosdail ri ’n tional, ach a tha gle mhaireannach ann an gàraidhean. An talamh a tha cumanta an so, ’se sin criadh mhin, throm, tha e duilich obrachadh ach tha cuid de na thalamh math. Cha ’n eil machraichean no talamh eadar-bheanntan idir farsuinn anns a’ chearna so. Ach anns an eilean a deas, tha na beanntan ard, na h-aimhnichean a’ sineadh a mach, agus tha farsuinneachd mhor eatorra. Cha ’n eil am fiar a’ fàs an so gu nàdurra mar tha e ann an America, ach anns an eilean a deas tha fiar-fiadhaich a’ fàs gu pailt; an sin tha barrachd de dh’ ùir dhubh air uachdar na creadha, ’s tha ’n reothadh a’ deanamh an talmhainn na ’s fhuasgailte. Tha an siol-cur a’ fàs an sin le sgapadh air uachdar an talmhainn. Cha dean e sin ann an so; feumar an talamh a thionndadh mu’n togair fiar. ’S e rainneach an ni a’s pailte tha ’fas an so; air cnoc no air sliabh cha ’n fhaicear ach e. Tha e fàs gle mhor, agus tha e duilich a dhol troimhe. Bidh na Maoraich ag ithe nam freumhan aige. Bithear a’ losgadh an rainnich na h-uile bliadhna. ’Nuair a tha e òg a’ fàs ’san earrach, tha e na bhiadh math do spréidh. Cha ’n eil ’ga losgadh a’ deanamh feum sam bith d’ an talamh, oir tha ’luath air a toirt air falbh leis an uisge, a chionn an talamh a bhi cho cruaidh. Ma bhithear ’ga ghearradh tric theid as dha gu buileach. IAIN ROTHACH. Tha fear-eigin a tha sgriohadh ann an aon de phaipearan-naigheachd na seann dùthcha a toirt iomraidh air a’ Chlondaic, agus ag radh gur h-e ’n ni a’s iongantaiche leis fhéin ann a bhi leughadh mu’n àite cho aon-ghuthach ’sa tha iadsan a th’ air tilleadh as ann a bhi toirt comhairle air muinntir eile fuireach aig an tigh, ged a tha iad aig a’ cheart àm ag aideachadh gu bheil an dùthaich a cheart cho làn de’n òr ’sa bha ’s an ainm. Tha e deanamh a mach nach eil an sin ach an fhàgail a bh’ aig mac an duine riamh, mar a’s motha gheibh e-fhéin de nithean matha ’n t-saoghail ’s ann a’s deigheile e air daoin’ eile a chumail o bhi mealtuinn an cuid fhéin de na ceart nithean sin. Na dean dearmad air innse do d’ nàbuidh nach eil a’ gabhail MHIC-TALLA, gu faod e fhaighinn uaithe so gu ceann na bliadhna 1898, coig miosan deuga, le pris bliadhna ($1.00) a chur air adhart. [TD 122] [Vol. 6. No. 16. p. 2] Gnothuichean an t-Saoghail. Thill an luchd-amhairc a chaidh suas aig toiseach an t-samhraidh gu Bagh Hudsoin. Is e teachdaireachd nach eil idir fabharach a thug iad leo air an ais. Ma tha ’n sgeula ’tha iad ag aithris fior, is muladach da rireadh a tha gach dochas a bha sinn ag altrum gu bitheadh e comasach bàtaichean-smùide diongmhalta ’chur ré cuig miosan de ’n bhliadhna bho ’n Roinn-Eòrpa gu Bagh Hudsoin, aig am bheil meudachd fairge mhoir, agus a tha ruigheachd astair anabarrach ann am meadhon nam fasaichean ’s nan comhnardan brioghmhor a bhuineas do Chanada anns an Iar-thuath. Is e mo bheachd fein, gu bheil moran de ’n ghealtaire anns na laoch a thill le teachdaireachd thuirseach bho Bhagh Hudsoin. Tha iad ag radh gu bheil aitean creagach eu-domhain anns a bhagh, gu bheil ceo tiugh dorcha gu minic ann, is nach eil tighean-soluis lionmhor no idir ann. Tha ioghnadh mor orm fein gu bheil na gaisgich ud ag innseadh dhuinn nach tug an deigh moran dragh no cunnairt doibh am feadh a bha iad a’ seoladh anns a’ bhagh. Tha ’n naigheachd so fabharach, oir tha fios againn a nis nach cuir an deigh grabadh air bith air seoladh nan long ’s nam bàtaichean-smùide ’ruigeas am bagh bho dhuthchannan cein ré ceithir no cuig miosan de ’n bhliadhna. Tha ’n luchd-amhairc a chaidh gu Bagh Hudsoin aineolach air an fhirinn so: gu bheil e comasach aitean eu-domhain a dhoimhneachadh, gu bheil e comasach creagan a chuir as an rathad, agus nach eil e idir duilich tighean-soluis a phlanntachadh an sud agus an so, airson leus-stiuraidh a thoirt do na maraichean a bhitheas a’ seoladh anns a’ bhagh. Dhoimhnich na h-Albannaich Amhainn Chluaidh, agus a nis far am faodadh neach coiseachd thar an amhainn ann am meadhoin na linn so, tha longan mora ’us trom cogaidh a’ snamh gu furasda, oir is ann ri taobh na h-aimhne ’tha iad le innleachd ’us le tapadh iongantach ’us foghainteach air an togail. Chaidh amhuinn aluinn Lawrence a’ dhoimhneachadh am measg creagan ’us ionadan eu-domhain, eadar Cuibeic ’us am Baile-rioghail, agus a nis tha faisg air deich troidhean fichead anns an t-sruth-chlais anns am bheil longan ’us bàtaichean mor a’ chuain ag imeachd eadar an da bhaile ud. Tha e soilleir gu leoir, nach ann do chabhlach Bhreatuinn a bhuineas na seoid a chaidh suas a rannsachadh a’ bhagh. Faodaidh sinn a bhi ’creidsinn, mata, gu bi e comasach, le dichioll seolta, do bhàtaichean-smùide laidir mar tha ’m Fram anns an deachaidh an Lochlunnach meamnach, neo-sgathach, Nainsein, gu fada mu thuath, dol a mach agus a stigh le malairt de gach seorsa, do ’n bhagh a dh’ orduich nadur fein a bhi ’na shlighe fhosgailte fhurasda eadar Iar-thuath Chanada agus an saoghal gu leir. Co aig am bheil fios air gach rioghachd statail beartach a thig á fasaichean ’us comhnardan an airde ’n Iar-thuath anns na laithean a tha ri teachd agus nach fhaic MAC-TALLA no mi féin. Tha mi cinnteach gu teid ann an uine ghearr gach trioblaid, ’us dragh a tha anns a’ bhagh a chur gu buileach air falbh, agus gu bi rathad-iaruinn a ruigheachd ciun a’ bhagh, agus gu bi bàtaichean-smùide trom, treun, eireachdail, a giulan maoin ’us storais na h-Iar-thuath gu dùthchannan na Roinn-Eòrpa ’s a giulan thar tonnan beucach na fairge moire, iomadh ni ’us innleachd air am bì feum aig luchd-aiteachaidh na h-Iar-thuath. O cheann iomadh linn rinn iasgairean nan Stàitean moran saoibhreis le bhi ’g iasgach ann am Bagh Hudsoin. Is e so an t-àm gun teagamh, gu bitheadh iasgairean seolta ’us cruadalach nan roinnean a tha ri taobh na fairge ann an Canada ’faotuinn ’us a sealbhachadh gach iasgaich a tha anns a’ bhaigh agus a bhuineas do Chanada ’s d’a seolaidearan, ’us d’a h-iasgairean fein. Is ann gu carach, mi-onorach, mosach, a tha luchd-riaghlaidh nan Stàitean a’ buntainn ris gach iasgach a tha eadar iad fein agus Canada. Tha iad a’ cumail a mach gur e cuan duinte (mare clausum) a tha ann an Caolas Bhehring: agus air an aobhar sin, gur ann acasan a mhain a tha coir air gach ron anns an fhairge fharsuing ud. Cha ’n eil iad idir toileach air ceartas a dheanamh ri Canada aig am bheil coir co maith air na roin a tha ’s a chaolas ud. Is e am beachd gu buin an caolas doibh fein gu buileach. Tha iarrtas laidir aca air an taobh so de America, bhi ’g iasgach anns na h-uisgeachan ’us anns na lochan a bhuineas gu sonruichte do Chanada. An ni ’s leatsa, ’s leamsa; mar an ceudna, ’s an ni ’s leamsa ’s leam fein e. Is e so ’n riaghailt-stiuraidh a bu mhaith leis na Stàitean a nochdadh dhuinn, anns gach cuan, ’us fairge, ’us loch, ’us bagh, ’us camus, a tha againn ann am farsuingeachd oirdheirc ar dùthcha. CONA. RAIBEART III. Bha trioblaidean gu leòir, araon ’na theaghlach agus ’na rioghachd, aig Raibeart III. ré a rioghachaidh. Bha e còrr ’us 50 bliadhna ’n uair a chrùnadh e. Cha robh e féin freagarrach air son seasamh air cheann airm. Bha ceum bacaich ann, o bhreab a thug each dha ’na òige, ann an spleadh-chòmhrag. Agus mar a bha e socair, neo-bhuaireasach ’na nàdur, cha robh e air son a ghabhail ach co beag ’s a b’ urrainn e de dhragh ri ghnothuichibh follaiseach na rioghachd. Bha fear de ’bhràithribh a bha comharraichte geur, dàna, agus teom’ air son ghnothuichean a ghabhail os làimh. Rinn e Diùc Albani do ’n fhear sin, agus dh’ earb e ris, cha mhòr, riaghladh na rioghachd gu h-iomlan. Rinne e mar an ceudna Diùc Bhòid de ’mhac bu shine féin, agus oighre ’chrùin. Bu le teaghlach nan Stiùbhartach féin eilean Bhòid uile; ’s bha mòran fearainn eile ac’ an ceann deas Alba, gu h-àraidh ’an Siorrachd Reinfriu. Cha robh Diùc riamh an Alba roimh ’n dithis so. Cha robh tiodal ann a b’ àirde na Iarla. Bha bràthair eil’ aig an rìgh a bha ’na thriath air Baideanach agus aig an robh riaghladh air taobh ’s ear Alba sios gu Gall-thaobh. Bha ’m fear so a’ deanamh uiread de chall air feadh na dùthcha mu’n cuairt, ’s gu ’n tug iad Sionnach Bhàideanach mar fhrith-ainm dha. Thug an “Sionnach” tàmhadh air fearann an easbuig Mhuirich gus a chuid féin a dheanamh dheth. Chuir an t-easbuig binn iomsgaraidh ’an céill an aghaidh an t-Sionnaich air son e bhi ’gleidheadh sealbh air an fhearann. ’Chur a bhinn sin an Sionnach gus an ro thuilleadh buaireis. Dh’fhalbh e le àireamh luchd-leanmhuinn agus loisg e baile Forres, pàirt de’n eaglais, agus tigh còmhnuidh an àrd-dheacoin. Goirid an déigh sin loisg e bail’Elgin leis na bha timchioll air de eaglaisean ’us tighean luchd-dreuchd na h-eaglais. Chuireadh an lagh sìobhalt as a dhéigh an sin, ’s thugadh e gu ni-eigin de aideachadh ùmhlachd. Thainig e gu eaglais ann am Peirt a dheanamh ùmhlachd, far an do choinnich an rìgh, agus mòran de na h-àrd uaislean ris, agus ghabh iad ris air chumha gu ’n tugadh e làn-riarachadh do ’n easbuig Mhuireach, agus gu’m faigheadh e maitheanas o’n Phàpa. Bha mac diolain aig a’ Phearsa rioghail so, ris an abradh iad Donnachadh Stiubhart, a bha co dona ri ’athair. Cha bhiodh ann de eachdraidh an fhiùdhalaich so ach ath-aithris air na chaidh innseadh de dhroch ghniomharaibh ’athar féin. Ach cba b’ e mhàin gu’m feudtadh a ràdh mu chàirdean an rìgh gu’n robh iad mar mic Sheruiah, ro chruaidh air a shon, ach bha ’chuid mhòr de na cinn-fheadhna Ghàelach mar sin mar an ceudna. Agus tha cuid ag radh gu’n robh Diùc Albani a’ comhairleachadh do’n rìgh, a bhi toirt cead doibh cur as da chéile, gus am biodh e ni b’ fhusadh dha féin a rìs treubh sam bith dhiubh a dh’ éireadh ’an ceannairc a cheannsachadh. Tha caochladh nithe aig luchd-eachdraidh ga ’n innseadh a tha coslach ri bhi toirt gnùis do’n bheachd so. Tha ni-eigin cosmhuil ri so anns a’ chòmhrag a leigeadh air aghart ’am fianuis an rìgh ’s na ban-rìgh, us mòran uaislean eile ’s a’ bhliadhna 1396. Bha clann Chatain, agus clann Dhaibhidh, no clann Chai, a’ creachadh ’s a’ marbhadh a chéile, gun tàmh, ré dheich bliadhna roimhe sud. Agus ’n uair nach gabhadh iad comhairle gu sgur de’n droch obair sin, fhuair iad cead o ’n rìgh a’ chòmhstri a réiteachadh le deich fir fhichead air gach taobh a dhol a chòmhrag ri chéile le claidheamh mòr, ’s tuagh-chatha, agus gu’m biodh urram ’us toiseach aig an taobh a choisneadh air an taobh eil’ an déigh sin. B’ ann do ’n aon treubh a bhuineadh an dà mheòir so, Clann Chatain ’s Clann Chai, ’s be aobhar na còmhstri, co dhiubh a b’urramaich’ agus aig am biodh an toiseach ri àm cogaidh. ’N uair a ràinig iad an làthrach a bh’ air ullachadh roimh laimh, bha fear de Chlann Chatain air e féin thoirt as gu h- [TD 123] [Vol. 6. No. 16. p. 3] uaigneach, mar gu ’m biodh e coma air son a chuid a bhi aige de ghlòir a’ chatha. Cha leigeadh Ceannard Chlann Chai aon duine air falbh gus an àireamh a dheanamh co ionann. Ach thairg fear a mhuinntir a’ bhaile, ris an abrar Eanruic Uind, e féin do Mhac Phearsoin, Ceannard Chloinn Chatain, air leth-chrun gus an cath a chur air Clann Chai. Chaidh sin a ghealltuinn da, ’s thòisich an còmhrag gu geur, guineach. ’N uair a mharbh am fear-tuarasdail so aon duine sguir e; dh’ éigh an Ceannard ris ciod a b’ aobhar dha sud, an robh eagal air. Thuirt esan nach robh, ach gun d’rinn e seirbhis gu leòir air son leth-chrun. Dh’ éigh Mac-Phearsoin, “Am fear nach cum cunntas air a ghniomharaibh euchdail, pàighear e gun chunntas a chumail ris.” Chuir iad so anns an rann, “Am fear nach cunntadh rium cha chunntainn ris.” Thòisich an gille-tuarasdail air obair a mharbhaidh a rìs. ’S ann deis an taobh air an robh esan a chaidh. Mharbhadh naoi fir fhichead de Chloinn Chai; theich am fear mu dheireadh a bha beò. Mharbhadh naoi fir dheug air an taobh eile. Bha na mhair beò dhiubh air an gearradh ’s air an lotadh gu h-uamhasach, ach Eanruic na aonar. Bha esan gu maith air armachadh, ’s bha e ro làidir; bu cheird da bhi deanamh dhiollaidean stàillinn ’s theireadh na Gàeil, an Gobha Crom ris. Thug MacPhearsoin an deadh phàigheadh dha. An ùine ghoirid an déigh so, bha caonnag fhuilteach eadar Callum Beag MacLeòid, uachdaran Leòdhais, agus buidheann de na Cataich, ’s de Chlann Aoidh, Shrath-nàbhair. Bha Aonghas Mac Aoidh, uachdaran Shrath-nàbhair, air pòsadh piuthar do MhacLeòid. Bhàsaich esan ’s dh’ fhag e dithis mac, Aonghas Dubh, ’us Ruairidh Gallda. Rinneadh Uisdean Dubh, bràthair athar do ’n chloinn so ’na oid-iunnsaich orra an déigh bais an ’athar, ’s bha e aig an àm cheudna ’na stiubhart air an cuid fearainn. Chuala MacLeoid gu’n robh Uisdean Dubh a cumail droch ceann ris a’ bhantraich, a phiuthar. Dh’fhalbh e le ceathairn mhaith Leodhasach còmhladh ris a shealltuinn air a phiuthair air los ceartas fhaicinn aic’ a dheòin no ’dh’aindeoin. ’S e ’s coslaiche nach tàinig MacLeoid ’s Uisdean Dubh MacAoidh gu còrdadh idir. Co dhiù, dhealaich MacLeoid ris ’am feirg mhòir, ’s thoisich e air losgadh ’us fàsachadh pairt de Shrath-nàbhair, ’s thog e mòran creiche, crodh us caoraich, leis an d’fhalbh e gus an aiseag gu ruig Leòdhas. Ach chuir Clann MacAoidh a dh’ iarraidh cuideachadh o ’n Iarla Chatach, ris an robh iad ’an sìth ’s an àm sin mar nach b’àbhaist. Chuir an t-Iarla Alastair Muireach na Cùbin le dream de dhaoine tapaidh a chòmhnadh muinntir an t-Srath. Chaidh na Caoidhich ’s na Cataich le chéil’ air tòir MhicLeòid, ’s rug iad air aig Tuitean Turbhigh, anns a’ chrìch eadar Cataobh ’us Ros. Thòisich iad an toiseach air an spréidh a thoirt o chéile, mar bhitheas buachaillean a’ deanamh air a’ phunntair. Agus ’n uair nach robh na Leòdhasaich a cur rompa speir de ’n chreich a leigeadh as, bhuail iad air a chath, a bha mar tha Sìr Raibeart Gordon ag ràdh, fada guineach fuilteach, teagmhach. Ach ’s ann air MacLeòid a chaidh. Mharbhadh e féin ’s na h-uile duin’ a bha còmhladh ris, ach aon fhear a thàinig dhachaidh ’s a bhàsaich leis na lotaibh a fhuair e. Fhuair a bheag no mhòr de mhuinntir an t-Srath air ais beò leis an spréidh. Ach cha robh trioblaidean air bith ’s an rioghachd co cianail riu sud a bha ’n teaghlach an rìgh féin. Cha robh clach gu’n tionndadh aig Diùc Albani a dh’fheuchainn am faigheadh e ’n rioghachd gu h-iomlan da féin ’s da theaghlach. Agus mar sin, dh’ fheumadh a mic an rìgh a chur as a’ rathad. Bha Diùc Bhòid, oighre dligheach a’ chrùin, ’na dhuin’ eutrom, car ceannasach agus beothail ’na spiorad. Bha Albani ’deanamh na b’urrainn e gu droch inntinn a thogail eadar am mac sin agus ’athair. Ach smuainich an rìgh ’s a’ bhan-righ na ’m pòsadh an Diùc òg gu ’n tigeadh e gu bhi ni bu shuidhichte. Cha b’ urrainn Albani cur an aghaidh so, ach a mhàin gu’m b’e féin a dh’ fheumadh còrdadh a dheanamh air son a’ phòsaidh. Agus b’ e ’n rian a ghabh e nach feudadh am prionns’ a phòsadh ach nighean a’ Mhorair is mò bheireadh seachad de airgiod aig àm a’ phòsaidh. B’ e Iarla Mharch is mo ’thairg de airgiod ’an toiseach, agus rinneadh réiteach eadar a nighean-san agus an Diùc; ach an déigh sin thairg an t-Iarla Dùghlasach barrachd, agus thug iad air a’ phrionns’ òg gealltuinn a’ bhan Dùghlasach a phòsadh. B’i piuthar an rìgh màthair a’ chinn-feadhna so; agus bha e nis air son a nighean a phòsadh ri oighre na righ-chaithreach. Ann an droch uair chaidh am pòsadh a dheanamh. Ach bha ’m prionns’ an déigh sin mar a bha e roimhe. Thug Albani an sin a chreidsinn air an righ gu’m b’ fheaird am prionnsa beagan cìosnachaidh a dheanamh air le ’chur ’am priosun greiseag bheag. Dh’ aontaich an rìgh bochd gu h-eagalach, ’s gu teagmhach ri so, leis gach droch thuaileas eile bha ’bhràthair ag innseadh dha. Fhuair Albani cead-rìgh, no barantas, air son am prionns’ a chur an làimh. Chaidh an t-òganach a chur an làimh, ’s gun an-amharus sam bith aige c’ar son. Rinneadh priosunach dheth ’an Caisteal Falcland, a bu le Albani. An ceann chùig là deug fhuaradh a chorp an sin air a leigeadh bàs do’n ghort. Ghiùlaineadh an corp air falbh, ’s dh’ adhlaiceadh e gu folchuidh ’am Monasteri Liondores, ’s fhuair na mortairean iomradh air a sgoileadh aig an àm, gur h-ann le tinneas cuim a bhàsaich e. Goirid roimhe sud bha Eideard III. Shasuinn air bàsachadh; agus mar a bha ’mhac, am Prionnsa Dubh, air bàsachadh roimhe féin, thàinig ’ogha, Richard II., thun na caithreach; agus e aon bliadhna deug a dh’ aois. Ach an déigh do’n rìgh dhligheach so a bhi trì bliadhna fichead a’ rioghachadh, dh’ éirich Diùc Lancastair, oighre bhràthar ’athar ’an ceannairc ’na aghaidh, agus fhuair e aonta na Pàrlamaid gus a chur dheth ’n chaithir. Chuireadh Richard an sin ’am prìosun far an do mhortadh e gu h-uaigneach goirid an déigh sin, agus ghabh Diùc Lancastair crùn Shasuinn da féin fo ainm, Eanruic IV. Thachair so ’s a’ bhliadhna 1399, agus le sin thòisich an cogadh fuilteach, maireannach ud eadar teaghlach Lancasteir agus teaghlach Iorc, ris an abrar cogadh nan Ròsan, a tha co ainmeil ’n eachdraidh Shasuinn. Ach gu pilltinn ri rìgh bochd Alba. Tha e coslach gur h-ann a’ chuid ’s a’ chuid a thuig Raibeart III. gur bàs ainneartach a fhuair a mhac. Ach ged a bhiodh e air a làn thuigsinn o’n thoiseach, bha fios aige gu’n robh a bhrathair ’s a luchd-cuideachaidh ro chruaidh air a shon, ’s nach deanadh e ach an gnothuch ni bu mheasa dha féin le oidhirpeachadh air a thoirt gu ceartas. Bha e aithnichte gu leòir dha nis gur h-e bha ’s an amharc aig Albani an crùn fhaotainn da féin ’s da theaghlach. Bha aon mhac eil’ aig an rìgh air an robh Seumas, an ceud fhear de na Seumasan. ’S e smuainich e féin ’s a’ bhan-righ air an òganach a chur air falbh gu cuirt rìgh na Frainge, far am faigheadh e iunnsachadh iomchuidh do’n inbh’ àird ’s an robh e, agus ’am biodh e tearuint’ o ais-innleachdaibh bhràthar-athar. Rinn iad ullachadh air son a chur air falbh co cabhagach, ’s co uaigneach ’s a ghabhadh deanamh; ach mu’n d’ fhuair an soitheach a bha gus am prionns’ a ghiùlan fo sheòl ’s fo astar, thuig Albani an rud a bh’ ann, ’s gu’n robh ’n t-eun air lunn a bhi gu sgiobalt’ a mach as a lìon féin. Ach an aon ni a ghabhadh deanamh a nis rinn se e gu cabhagach; ghrad chuir e teachdaire ’thoirt sanas do righ Shasuinn. ’N uair a ràinig an soitheach ’s an robh am prionns’ oirthir Norfoc, bha càbhlach beag Sasunnach a’ feitheamh oirre. Ghlac iad i, ’s thugadh Seumas òg ’am fianuis Eanruic IV. Thog Iarla Annain, ris an robh am prionns’ an earbsa, Protest ’an aghaidh so mar ni mi cheart, a chionn gu’m b’ àm sìth a bh’ann, ’s gu’r h-ann air gnothuch siochail a bha iad. Ach fhreagair Eanruic, o’n a thachair an ni nach bu chòir a bhràthair air caithir Alba bhi air a mhealladh. Ma bha e ’g iarraidh na cainnt Fhrangaich a theagasg da mhac, gu’n robh eòlas maith aigesan air a’ chainnt sin, ’s gu’n tugadh e leasan Frangach dha co maith ri fear sam bith eil’, agus nach b’urrainn an t-òganach tuiteam ’an làmhaibh a b’ fhearr. Ged a thuirt Eanruic so uil’ an rathad sgeigeil, thachair e’n riaghladh an fhreasdail gu’n d’fhuair Seumas iunnsachadh de na h-uile seòrsa, co maith aig cùirt Seasuinn ’s a gheibheadh e’s an Fhraing, no ni b’fhearr: Cha leigeadh Eanruic á sud e. ’N uair a chuala rìgh Alba gu’n robh ’aon mhac ’na phriosunach an Sasunn, ’s a dh’aithnich e gu’n robh so, mar gach olc eil’, air a thoirt (Air a leantuinn air taobh 126.) [TD 124] [Vol. 6. No. 16. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, OCTOBER 15, 1897. Litir a Gleann-Garraidh. AN LAGGAN, ONTARIO, an 7mh la de mhios deireannach an fhoghair, 1897. A CHARAID:—Gheibh thu anns an litir so dollar air a chuir ga t-ionnsuidh le do charaid dileas, Iain Moireastan, faisg air taigh-litrichean Dhunbheagan, an Gleann-a-Garraidh, air son bliadhna eile dhe ’n MHAC-TALLA. ’S nan robh a h-uile neach Gailig an Canada co-ionann inntinn ris, bhiodh cùisean na b’ fhearr aig a MHAC-TALLA an deigh so. Tha tuathanich na coimhearsnachd so air faotuinn gabhail sàbhailte aig an cuid barra uile a nise, agus tha am bàrr uile thar a chéile gle mhath; ge do tha roinn dhe na bhuntàta a’ grodadh aig cuid, cha ’n eil aig cuid eile cho fad so co dhiubh e. Tha an aimsir bòidheach, tioram bho chionn chuig seachduinean air ais. Tha faighneachd agus prisean beagan na’s fhearr air a h-uile ni a tha aig tuathanaich ri dealachadh ris, gu h-àraidh air son each. Tha duine àraidh tapaidh ’sa choimhearsnachd so, Iain Mac Eòbhainn, a bha thall an Sasunn bho chionn a ghoirid ’sa chòrd ri comunn àraidh ann a sin gu moran each a cheannach ann a so air son an cur dha ’n ionnsuidhsan do Shasunn. Nan tachaireach dhomh dol air chuairt do Nova Scotia bhithin an duil càirdean domh a tha ann an Ceap Breatunn, an Antigonish, agus an Eilean a Phrionnsa fhaicinn. Agus gun teagamh sam bith, cha rachinn seachad ortsa na ’s mò gun taoghal agad. A nise bithidh mi a stad aig an am so s’a gabhail slan leat. Ma thoileacheas thu féin, faodaidh tu an litir so a chuir s’a MHAC-TALLA mar a dean i coire dha do d’ phaipeir. Do charaid, AONGHAS MAC ILLE-MHAOIL, Bocs 19, Tigh Litrichean an Laggain. O chionn àireamh bhliadhnaichean air ais bha cuideachd air a chur ri chéile air son rathad-iaruinn a thogail ris a chladach eadar Port Hawkesbury agus Cheticamp, astar cheud mile, ann an siorrachd Inbhirnis, ach an deigh moran bruidhne chaidh an gnothuch bàs. Thatar ag radh a nise gu bheil cuideachd ùr air còir na seana chuideachd a cheannach, agus gu bheil iad a’ dol a thòiseachadh na h-obrach gun dail. Bha coinneamh aig Comhairle na siorrachd air an t-seachdain s’a chaidh, agus dh’ aontaich iad ceud mile dolair a thoirt mar chuideachadh do’n chuideachd ùr. Tha làn dhùil gun teid an rathad a nise dheanamh gun an còrr maille, agus nach fhada gus an cluinnear sitir an eich-iaruinn ann am fior cheann a tuath na siorrachd. Tha cuid de luchd-gabhail a phaipeir so a tha dha no tri no ceithir a bhliadhnaichean air deireadh ’na phàigheadh. Cha n eil toil againn cur cruaidh ri neach sam bith ma’s urrainn dhuinn a sheachnadh, ach tha sinn a’ smaoineachadh ma ’se dàil a bha dhith orra sud gu bheil iad air dàil gu leòr fhaotainn, agus uime sin tha sinn a’ toirt rabhaidh dhaibh gu feum na th’ aca ri phàigheadh a bhi stigh romh thoiseach Desember. An deigh sin cha bhi am MAC-TALLA air a chur gu neach sam bith nach eil ’ga phàigheadh gu riaghailteach. Tha Barbara C. Leitch á Binkham, Ontario, ag iarraidh oirnn a h-ainm a chur anns a MHAC-TALLA an Gàilig. Feumaidh sinn iarraidh air neach eigin d’ ar luchd-leughaidh sin a dheanamh air ar son, oir cha’n urrainn duinn féin a dheanamh. Tha Miss Leitch ag radh nach b’ urrainn dhi facal Gàilig a leughadh mu’n àm so an uiridh, ach an diugh leughaidh i MAC-TALLA gun stri sam bith, agus tha i ’cur roimpe tòiseachadh ri Gàilig a sgriobhadh. Tha sinn an dòchas gu soirbhich gu math leatha. Bha brocair Gàidhealach uair ag innse mu na thachair dha fad nan deich bliadhna fichead a bha e ris an obair. Bu mhinisteir fear dhiubh-san a bha ’san eisdeachd, agus thuirt esan ris a bhrocair gu ’n saoileadh e-fhéin gu’m biodh na sionnaich uile air am marbhadh aige roimhe so. “Seadh, seadh,” ars am brocair, “’nam biodh sibh féin air an droch-fhear a mharbhadh roimhe so, cha bhiodh an còir feum oirbh-se.” An deigh cuairt a chur air Ceap Breatunn, tha an t-Ard-Riaghladair ’sa Bhain-tighearna air a dhol gu Eilean a’ Phrionnsa. Bha side mhath ann a chuid bu mhò dhe’n ùine bha iad air an eilein so, agus rinneadh an di-beathachadh gu math anns gach àite ’n robh iad. Bha iad gle riaraichte leis an fhàilte chridheil chàirdeil a chuireadh orra le muinntir Cheap Breatunn. Cha eil a bheag sam bith ri chluinntinn á Cuba aig an àm so. Faodar a radh gu bheil an cogadh air sgur. Tha an Spàinn a nise ’tairgse féin-riaghladh do ’n eilean, ach ’se ’s dòcha nach gabh na Cubanaich ni sam bith ach an t-eilean a bhi air a sgaradh o’n Spàinn gu buileach. Tha iad air son a bhi cuibhteas i gu buileach. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 125] [Vol. 6. No. 16. p. 5] NAIDHEACHDAN. Fhuaireadh poit-dhubh ann an Glace Bay seachdain roimh ’n Di-màirt s’a chaidh, agus chaidh a cur as an rathad air an dòigh àbhaisteach. Tha na h-ùbhlan a’s fhearr a creic ann an Gleann Annapolis bho dha dholair gu da dholair us cairteal. Thatar ag radh gu bheil a’ chuid a’s motha dhiubh a’ dol do na Stàitean. Tha Riaghladh Mhanitoba a’ dol a chur oilthigh air chois ann am baile Winnipeg an ùine gun bhi fada, agus tha iad a’ gealltuinn tuarasdail triùir de na luchd-teagaisg a phàigheadh. Chaochail fear Alastair Mac Ghuaire ann am Bath, an stàit Maine, a sheachdain gus an Di-luain s’a chaidh. Bhuineadh e do Cheap Breatunn, agus bha e fuireach ann am Bath o chionn fichead bliadhna. Chaidh duine a mharbhadh air a rathad-iaruinn aig Athol, N. S., a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Cha ’n eil fhios co e, ach thatar a deanamh a mach gu ’m bu sheoladair e a bha goid a thuruis air aon de na carbadan. Chaidh fear Basil Richaur, a mhuinntir a Bhras d’ Oir, a mharbhadh le sgiorradh air bòrd soithich a bha ’gabhail luchd plasteir ann am Port Bevis air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh Diordaoin. Tha fiosan a thainig á Bagh St. Lawrence ag innse nach robh soirbheachadh sam bith le iasgairean an runnaich air an fhoghar so. Tha an t-side doirbh, ’s an t-iasg gann, agus tha na daoine a’ call am misnich, agus cha bhi fada gus an till iad dhachaidh. Tha aig Lyman Dartt, an gille chaidh a chur an greim air àmhrus gu robh e coireach ri bàs an Armenianaich a fhuaireadh marbh faisg air Truro, ri cùirt a sheasamh. Thatar a’ deanamh a mach nach robh toil sam bith aig a’ ghille tigh’nn ri beatha ’n duine, ach gu ’n do loisg e air a phoca a bha aige air a mhuin, agus nach d’ rinn e cuimse cheart mu ’n do loisg e. Ach cha d’ fhuair iad an gille thoirt gu aideachadh gu robh lamh sam bith aige anns a ghniomh. ’Nuair a bha Morair agus Bain-tighearna Obaraidhean a dol gu Sidni Tuath Dior-daoin s’a chaidh, thaghail am bàta air an robh iad aig an International Pier, agus an sin chuireadh fàilt orra leis an luchd-obrach. Bha a h-uile duine ’na aodach obrach, aodainn ’s a làmhan dubh leis a ghual, agus bha band ciùil aca ’s gach duine na bu duibhe na chompanach air an dòigh cheudna. ’Se ’s dòcha nach d’ fhuair an t-Ard-Riaghladair a leithid a dh’ fhàilte chur air o’n thainig e do Chanada. Tha crioch air a chur air an rathad-iaruinn a bhatar a deanamh ann an Newfoundland eadar baile St. John’s agus Port aux Basque air a chladach an iar. Tha an rathad a’ dol troimh mheadhon na dùthcha, far bheil beairteas mor de chopar, de dh’ iarunn, ’s de mhiotailtean eile. Tha e mu choig ceud mile dh’ fhad agus cha ’n fhada gus am bi e air fhosgladh. Tha an soìtheach a tha gu bhi ’ruith eadar Port aux Basque agus Sidni air an t-slighe nall á Alba, agus mu ’n teid moran ùine seachad, chi sinn i. Tha eagal oirnn gu bheil Sidni Tuath a fàs gu bhi ’na bhaile mi-rianail. Oidhche Di-sathairne s’a chaidh bha sianar air an cur d’ an phriosan air son a bhi ri troimhe-cheile, triùir dhiubh sin cearta còmhladh. Tha tuilleadh s’a chòir de dheoch-làidir ’ga chreic air feadh a bhaile, mar a tha ann an iomadh àite bharrachd air, agus fhad ’sa bhitheas, bidh aireamh dhaoin’ ann nach gabh cumail air dòigh an ionad sam bith ach anns a’ phriosan fhéin. Tha muinntir Shidni Tuath a toirt ionnsuidh air cur as do chreic an stuth-làidir, agus tha sinn an dòchas gu ’n soirbhich leotha. Chaill àireamh theaghlaichean an dachaidhean leis na teinntean a bha ann am Manitoba o chionn ghoirid. Thatar ag radh cuideachd, gu robh àireamh dhaoine air an losgadh gu bàs. Bha an t-Urr. D. B. Mac Leoid, ministeir Orwell, E. P. I., air chuairt ghoirid a’ coimhead a chàirdean ann an Glace Bay. Shearmonaich e anns an àite sin la na Sàbaid s’a chaidh. Ghoid fear Alastair Laing fichead dolair air fear I. Smith ann a Halifacs aig àm na féille. Chaidh a chur an sàs air a shon, agus fhuaireadh ciontach e, agus thugadh tri bliadhna dhe ’n tigh-obrach dha. Bha còrr us tri fichead mile aig an Exhibition ann a Halifacs; no phàigh an àireamh sin air son faotainn a stigh ann. Cha robh exhibition anns a’ bhaile riamh roimhe cho math ris, no aig an robh na h-uiread sluaigh. Tha an grodadh gu math dona anns a bhuntàta air an eilean so; mur bitheadh sin bha e air a bhi anabarrach math air an fhoghar so. Thatar ag radh nach robh am buntàta riamh cho math ann an Eilean a’ Phrionnsa ’sa tha e am bliadhna. Fhuaireadh mèinn ghuail faisg air St. Peter’s o chionn ghoirid. Ma dh’ obraichear gach mèinn ghuail, us òir, us airgeid, us eile fhuaireadh air an eilean air an t-samhradh so, tha eagal oirnn nach bi duin’ anns an dùthaich a fhritheileas do ’n tuathanachas. Bhrist teine mach anns a phriosan ann an Toronto, o chionn beagan us seachdain air ais, agus mu ’n d’ fhuaireadh casg a chur air bha call ceud gu leth mile dolair air a dheanamh. Bha na priosanaich air an cumail fo ghlais fad na h-ùine gus an cumail o bhi ri tuaireap. Fhuair Fionnladh Mac Leoid, a mhuinntir a Phlaisteir, an siorrachd Victoria, droch ghoirteachadh Di-haoine s’a chaidh. Bha e dol gu Baddeck a dh’ fhaicinn muinntir a bhaile sin a’ cur failte air an Ard-Riaghladair, agus air an rathad chaidh a thilgeadh as a charbad. Chaidh a thoirt gu tigh a mhic, Iain P. Mac Leoid, am Baddeck, agus tha da dhotair a’ frithealadh dha, ach a thaobh gur a seann duine e, bheir e àireamh sheachdainean mu ’m bi e cho math ’sa bha e roimhe. Iadsan a Phaigh. Bean Alastair Mhic Rath, Sidni. Alasdair Mac Amhlaidh, Milton. An t-Urr. Niall Currie, Loch Ainslie. Mrs. Anna Mhathanach, Valley Mills. $1.50 Ruairidh Mac Coinnich, Loch Bhlackett. Domhnull Mac Neill, Gleann Ainslie. Domhnull Màrtuinn, Orangedale. $2 00 Ruairidh Mac Philip. Rudha ’n Rothaich. Iain Ceamp, Leitche’s Creek. Ruairidh H. Mac Coinnich, Forks Shidni. 50c Mrs. Seonaid Chaimbeul, Vaucouver, B. C. Ian G. Mac Leoid, na h-Eileanan Coille, E. P. I. $3.00 Iain Moireastan, Dunbheagain, Ont. Barbara C, Leitch, Binkham, Ont. 50c Iain R, Boyd, Lakevale, N, S. $1.75 Murchadh Mac Laomuinn, Quincey, Mass. Calum Mac Mhannain, Kaurihohori, New Zealand. BREITH. Aig Crionach Ard, Gartmòr, Albainn, air an 27mh la dhe ’n mhios Sultuine, (meadhon an Fhogharaidh), bean Eoghainn Dhomhnullaich—nighean. BAIS. Aig Port Hastings, an 30mh la de September, Isabel, bean Sheorais Bhàillidh, 67 bliadhna, dh’ aois, a fagail fear-pòsda, ceathrar mhac, agus aon nighean. Aig Wreck’s Cove, St. Ann’s, an 21mh la de September, Domhnull Moireastan, eildear, 52 bliadhna dh’ aois. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .30 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MACKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 126] [Vol. 6. No. 16. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 123.) mu’n cuairt tre chuilbheartachd a bhràthar féin, bhris a chridhe, ’s cha do thog e ceann riamh tuilleadh. Bhàsaich e air an ath bhliadhna, 1406. TAINISTEARACHD ALBA. Fhuair Albani a nis an ni gus an robh e ’g iarraidh o cheann fada, rioghachd Alba dha féin, cha b’ ann gus a riaghladh, ach a h-an-riaghladh. Fhad ’s bu bheò mac a bhràthar aig cùirt rìgh Shasuinn, cha bu dàna leis tàmhadh a thoirt air a’ chrùn. Ach bha e ’na rìgh, co cinnteach ri Eanruic IV. fein, ’s na h-uile seadh ach an t-ainm. Fhuair Albani, agus Eanruic IV. an cumhachd tre na h-aon mheadhonaibh—le ainneart a chleachdadh a thaobh an dlù-chàirdean a bha seasamh ’na ’n rathad. ’S maith a thuigeadh an dithis a bha ’n sud a chéile. Bha fios aig Eanruic nach robh ni air domhan bu lugh’ air Albani na gu’n leigteadh dhachaidh air Seumas òg Stiùbhart. Agus uime sin bha e ga chumail mar bhòcan os a cheann gu eagal a chumail air ach am biodh e ’na choimhearsnach sìochail. Agus bha buaidh an eagail ud, an caochladh dhòighibh, ri fhaicinn air Albani. Ma b’ fheudar dha air uairibh a bhi, air sgàth coslais a’ cumail suas còmhstri ri Sasunn air son ni-eigin de thoileachadh a thoirt do na Morairibh Albannach, bha e ri fhaicinn aig gach àm dhiubh sin gu’n robh e ga chleachdadh féin air a leithid de dhòigh ’s nach faigheadh Sasunn ach co beag calla ’s a b’ urrainn e o bhriseadh a steach nan Albannach. Ach bha moran troimh’ chéil’ ’an Alba féin fhad ’s bu bheò Albani. Bha so ag éiridh o’n aon aobhar ris gach ceannairc bheag eil’ a thachair ri linn an dithis righrean a chaidh roimhe; b’e sin, nach robh moran eagail air na tighearnan cumhachdach rompa, no moran urraim doibh. Bha ni bu ro lugh’ urraim aca do Albani. Agus tha ri chur as a leth gu ’n robh e leigeadh cus de’n toil féin leis na daoinibh sin, ged a bha e, gu coitchionn, a’ cumail ceartais a measg dhaoine bochda. Ach ’s e ni bu ro chomharraichte ’s bu challail’ a thachair ré a thàinistearachd, a’ cheannairc fhuilteach a rinn Tighearna nan Eilean ’s a’ bhliadhna 1411, agus air son an robh ’n urra mhor sin a’ smuaineachadh gu ’n robh deadh aobhar aige. Fhuair aon de Iarlachan Rois bàs gun fhàgail ach aon nighean a bha pòsda ri Sìr Ualter Lesli. Bha dithis chloinn’ aig Sìr Ualter—Alastair, a thàinig an déigh sin gu bhi na Iarla Rois, agus Mairireat a phòs Tighearna nan Eilean. Phòs Alastair, Iarla Rois, nighean do Dhiùc Albani; agus cha robh duine cloinn’ aigesan ach aon nighean—Euphemia, ban-Iarla Rois. Ach chaidh a bhan-tighearna sin ’na b-òige steach do chomunn nan Cailleachan-dubha, ’s dh’ fhàg i Iarlachd Rois aig brathair a mathar, Iarla Bhuchain. Cha ’n eil teagamh nach robh Morair nan eilean a’ faicinn làmh Albani anns gach car dhiubh sud. Ach co-dhiu chuir am Morair a steach air son Iarlachd Rois fhaotainn da mhnaoi féin, mar an t-oighre dligheach, ’s a’ tagairt nach robh còir sam bith aig Iarla Bhuchain air ni a bhuineadh do theaghlach a mhnà-san, ’s nach robh coir aig an òig-mhnaoi a leig dhith an saoghal, air an oighreachd mhoir ud a thoirt seachad do neach nach buineadh do ’n teaghlach idir. Ach cha ’n éisdeadh Albani ri cùis-thagairt fhir nan eilean. Bha e air son an da Iarlachd, le ’n tiodalaibh, a bhi aig a mhac féin. Thog an t-eileanach an sin suas bratach na Ceannairc. Chaidh e ’n comh-bhoinn ri Sasunn as an robh e gu càbhlach fhaotainn bu chumhachdaiche na càbhlach Alba. Agus thog e deich mile saighdear, a chuir e fo lan armachd le bogha ’s dòrlach, a reir nòis nan eilean, agus leis an do ghabh e sealbh air Iarlachd Rois dha féin, a’ cur air theiceadh nan uil’ a bha seasamh roimhe. A thuilleadh air feadhainn eil’ a sheas roimh ’n Mhorair, thug Aonghas Dubh MacAoidh, le àireamh de luchd-leanmhuinn deannal maith air; ach ghlacadh Aonghas féin ’na phriosunach, ’s mharbhadh moran de ’luchd-leanmhuinn a measg an robh a bhràthair. Ghabh Morair Dòmhull an sin air aghart thun a mhachair Ghallda, gu Abaraidhean a losgadh, mar bhagair e roimhe sud. Cha robh ni no neach a’ coinneachadh ris a b’ urrainn bacadh a chur air. Fhuair e leasachadh mòr sluaigh timchioll air Inbhernis. Ach ’n uair a bha e teannadh ris a’ bhaile a’ bha e gu ’sgrios, thaghadh àireamh maith shaighdearan fo chomannda Iarla Mhàrr. Bha Probhaist Abaraidhein ’us àireamh maith de mhuinntir a’ bhaile ’s an armailt Ghallda. Choinnich na Gaill ’n na Gàeil a chéil’ a tuath air Abaraidhean, aig amhainn Urul, dlùth air baile beag ris an abrar Harlagh. Thug Deasaich ’us Tuathaich na h-aon rioghachd deannal eagalach air a chéil’ an sin. Bha na Gàeil moran ni bu lionmhoir’, ach bha na Gaill ni b’ fhearr air an armachadh. Thuit moran air gach taobh a measg an robh Probhaist Abaraidhein agus moran a mhuinntir a’ bhaile. Ach ghleidheadh bratach a bhaile, ’s thugadh air ais i, reubta agus dearg le fuil. Tha i ri faicinn fathast ’an talla an t-sean bhail’ ud. ’N uair a thàinig an oidhche, ’s a bha na laoich air an sàrachadh le obair an la, luidh Iarla Mhàrr ’s na bha beò dheth na Gaill air an àraich. Cha b’ urrainn iad dol ni b’ fhaide, bha iad làn lotan ’us chreuchdan. ’N uair a shoilleirich a’ mhaduinn an ath là chunncas gu ’n robh na Gàeil air togail air falbh, ’s nach robh iad air son tuilleadh còmhraig aig an àm sin. Chuireadh blàr Harlaigh air a 24 là de mhios-meadhonach an t-samhraidh, 1411. ’N uair a chuala Diùc Albani mar bha, thog e féin armailt air cheann an deachaidh e air tòir an eileanaich, gus a thoirt gu géilleadh. Bha neart Mhòrair Dòmhull air a bhriseadh, ’s cha robh e ach a’ cumail air falbh mar a b’ urrainn e. B’ eigin da Iarlachd Rois a’ leigeadh seachad, agus aideachadh a bhi ’na iochdaran umhal do chrùn Alba, agus riaraìchte leis na bh’ aige de fhearann, agus braighde-gill a thoirt seachad mar dhearbhadh air a dheadh chaitheamh-beath’ an deigh sud. Chaidh cùmhnantan a sheulachadh eadar na pàirtidhibh, a réir a’ chòrdaidh so, aig ceann Lochgilp, an Siorrachd Earraghàeil. A’ bhliadhna an déigh blàr Harlaigh, fhuair Alba a ceud Oil-thigh, no Collaist. B’e so Oil-thigh Chill-rìmhinn. ’N uair a thàinig an teachdair, a chuir easbuig Chill-rìmhinn a dh’ iarraidh cead a Phàp’ air ais as an Ròimh a’ giulan làn chead o’n Phàp’ air son an oil-thigh a chur suas, bhuail iad na cluig le aoibhneas ’us aighear. Bu tioram, falamh, crion, am fòghlum a bhatar a’ toirt seachad ’s an oil-thigh ré iomadh bliadhn’ an deigh a chur suas. Ach cha mhaith a bhi deanamh tàir air là nan nithean beaga. Thàinig e ’n déigh sin gu bhi ro fheumail do ’n rioghachd. Bhàsaich Diùc Albani air an 3 là de dhara mios an fhoghair, 1419, agus bha e air a leantuinn ’san tàinisteireachd le ’mhac, Murchadh, dara Diùc Albani. Bha e so air tighinn gu greis mhaith de aois mu ’n tàinig e dh’ ionnsuidh na tàinistearachd, agus bha mhic air fas suas. Bha eachdraidh na rioghachd a’ ruith ’s a’ chlais ghnàthaichte ré na h-ùin’ a bha esan air ceann an riaghlaidh. Cha do thachair nithe àraidh sam dith an taobh stigh de chriochan na rioghachd féin. Ach tha mòr iomradh ’an eachdraidh an ama so air cruadal ’us gaisge cuid de na n-Albannaich an tìribh eile na Roinn-Eòrpa; gu h-àraidh ’an cogaidhibh na Frainge. Ach mar nach buin sin gu h-àraidh do eachdraidh Alba, cha bhi sinn a’ leudachadh air. Cha robh Diùc Murchadh aon chuid co maith no co olc ri ’athair. Cha robh e co cuilbheartach no co seasmhach ris. Bha e furasd a mhealladh. Agus a measg cuid eil’ a bha deanamh tàir air air son sin, bha mhic féin a’ taisbeanadh eas-ùmhlachd dha. Agus tha ’s an aithris gu’m b’e sin an t-aobhar àraidh a thug air aontachadh ris an oidhirp a thoirt air Seumas, righ dligheach na h-Alba, fhaotainn air ais as a’ bhraighdeanas. Rinn a mhic cleasachd mhi-mhodhail, thàireil ’na fhianuis, air son an do bhagair e orr’, o nach gabhadh iad comhairl’ uaithe-san, gu ’n tugadh esan mhaighstir dhachaidh orr’, a riaghladh gu maith teann os an ceann uile. Riamh o ’n là sin shocraich e ’chridh’ air mac bhràthair athar fhaotainn dachaidh gu caithir a shinnsir. Bha cùirt Shasuinn ’s an àm so air tighinn gu bhi ni bu chàirdiche. Bha Eanruic IV. a rinn priosunach do Sheumas, air bàsachadh ’s a’ bhliadhna 1413, agus a mhac Eanruic a rioghachadh ’na àite. Bha Seumas air pòsadh nighean Iarla Shomerset a bha ’n dlù-dhàimh do theaghlach rioghail Shasuinn. Agus bha luchd-riaghladh ’na rioghachd sin a’ meas gu’m biodh e ’na choimhearsnach maith dhoibh a thaobh e bhi ’s an dàimh sin [TD 127] [Vol. 6. No. 16. p. 7] riu. Agus mar sin dh’ aidich iad a bhi toileach Seumas a leigeadh dhachaidh gu ’dhùthaich féin, ach a mhàin air a’ chumha gu m feumadh Alba bribid beag a phàigheadh air son na chost Sasunn ris ga fhòghlum, ’s ga bheathachadh ré ùine co fada. Chuireadh an cunntas so a steach gu Pàrlamaid Alba. Cha robh ann ach dà fhichead mìle Punnd Sasunnach, a bha co maith ri dheich uiread sin de airgiod an là ’n diugh. Chaidh bailtean Dhuneidin, Pheirt, Dhundeagh, agus Abaraidhean ’an urras air gu’m biodh an t-suim so air a paigheadh, ’s mar sin phill Seumas gu dùthaich ’us lùchairtean a shinnsir an ceann a naoi bliadhna fichead a dh’aois an déigh a bhi ochd bliadhna deug ’na bhraighdeanach air cùirt Shasuinn. Mac-Iain ’us na Spainntich. Nach eagalach am fearg a tha air Mac-Iain, on sgriobh mise ann an tomhas beag, smior na firinn mu na Spainntich. Cha ’n eil fios agamsa co-dhiu ’s e duine mor no beag a tha ann am Mac-Iain. Tha e ’feuchainn ri mise ’chaineadh gu maith ’s gu ro-mhaith airson mo bheachdan mu na Spainntich. Mata, mata, nach mise rinn am mearachd uamhasach an uair a bhrosnuich mi corruich Mhic-Iain am aghaidh. An Gaidheal Spainnteach, tha e soilleir gu bheil barrachd speis aige do ’n Spainn no do Bhreatunn, tir nan Gaidheal. Tha e ’g radh gu robh na Spainntich riamh fiughanta ’us foghluimte, ’s gu ’n do nochd iad barrachd caoimhneis do na h-Innseanaich ann an America na rinn Breatunn no na Stàitean riamh. Nach gleusda ’n laoch Mac-Iain! Nach e fein a tha min-eolach air eachdraidh an t-saoghail! Nach ann aig na Spainntich a tha ’n caraid gasda ann am Mac-Iain! Cha ’n eil mise ’dol a chaineadh Mhic-Iain, agus cha ’n eil mi ’dol a thabhairt beachd air bith mu sgoilearachd nan easbuig Spainnteach. Tha MAC-TALLA ’na charaid do na Gaidheil uile, do bhrigh gur Gaidheil iad. Cha ’n abair e focal an aghaidh eaglais air bith; agus mar so, tha e ’dearbhadh gu bheil gliocas maith aige. Cha chàin mise Mac-Iain: ach bheir mi comhairle no dha air. Mur cuala e riamh iomradh air an Armada, na deanadh e moille air bith ann an eolas fhaotuinn mu ’n amaideachd uamhasach a nochd na Spainntich le ’n Armada. Sgriobh Washington Irving eachdraidh beatha Cholumbuis. Leughadh Mac-Iain an leabhar firinneach so co luath ’s is urrainn e, agus gu brath cha bhi ’chridhe aige mise, no duine air bith eile, ’chàineadh airson smior na firinn innseadh mu na Spainntich. Bhris iad cridhe an duine eireachdail, iomraiteach, Columbus, agus rinn iad gach olc ’us eucoir a bha ’n an comas air na h-Innseanaich a fhuair iad ann an America. Nach eil iad feineil? Is e ’n sgeula muladach a tha Irving a’ cur an ceill, nach robh e comasach doibh barrachd feinealachd a chuir an gniomh na rinn iad. Is bochd ’us ro-bhochd an seasamh a tha aca ’nis am measg rioghachdan na Roinn-Eòrpa. An uair a bha iad fo chasan Bhonapairt, agus a chaidh Wellington agus feachd Breatunnach a dheanadh comhnaidh leo, chraidh iad an ceannard ainmeil ud. Bha barrachd dragh aige leis na Spainntich thruagha, na bha aige ann am buaidh fhaotuinn air na Frangaich. O’n tha Mac-Iain co eudmhor as leth nan Spainnteach, ma tha eadhon beagan de chruadal ’us de sgairt nan Gaidheal aige, nach b’ fhearr dha dol do Chuba, ’s crioch a chur leis na Spainntich air an aramach a tha ’s an eilean ud. Cha’n eil a reir coslais, ach ceannardan bochd aig na Spainntich ann an Cuba. Rachadh Mac-Iain air ceann an fheachd, agus ma gheibh e buaidh, faodaidh e fein a bhi fathast ’na righ thar nan Cubanach. Mo bheannachd le Mac-Iain. CONA. Sean Fhacail Eirionnach. Ni treun gu tuitim tuile. Ni easbha go dith cairde. Ni ancradh go h-éithioch. Ni brùite go dul ann aois. Ni ò ’n gaoth do thoig se e. Ni maruidhe go fear stiùire. Ni beatha go dul air neamh. Ni rogha gu righ na cruinne. Ni bocht gu dul go h-iffrionn. Ni torann treun go toirneach. Ni h-ealadha go leightear stair. Ni h-annfadh go gaoith a ndear. Ni daor go breith an bheithimh. Ni h-é la na gaoithe la na sgolb. Ni séimh neach go m-budh oilte. Ni daoi go mnaoi droich mheine. Ni heach go aifrionn Dé éisteacht. Ni h-olc aon bheart go m-budh feall. Ni beathuigheann briathra na braithre. Ni chuimhnigheann an cù ghortach air a coilain. Ni’l fios aig duine cia is fear—an luas ’na ’n mhoill. Ni tuigeann an sàthach an seang, an uair do bhidheann a bholg fein geal. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean. Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 128] [Vol. 6. No. 16. p. 8] Oran Moraig. LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR. FONN.— Agus ho, Mhorag, Na horo ’s na hóro gealladh, Agus ho, Mhorag. A Mhorag chiatach a’ chùil dualaich, Gur h-e do luaidh a th’ air m’ aire. ’S ma dh’ imich thu nùll thar chuan bhuainn, Gu ma luath a thig thu thairis. ’S cuimhnich, thoir leat bannal ghruagach A luaidheas an clòth ruadh gu daingeann. O! cha leiginn thu do ’n bhuailidh Mu ’n salaich’ am buachar d’ anart. ’D é! cha leiginn thu gu cualach— Obair thruaillidh sin nan cailean. Gur h-i Mórag ghrìnn mo ghuamag Aig am beil an cuailein barrfhionn. ’S gaganach, bachlagach, cuachach, Ciabhag na gruagaiche glaine. Do chùl péucach sìos ’n a dhualaibh, Dhalladh e uaislean le ’lainnir. Sìos ’n a fheòirneinean mu d’ ghuailnean— Leadan cuaicheineach na h-ainnir’. Do chùl péurlach, òrbhuidh, luachach, Timchioll do chluaise ’n a chlannan. O Mhórag! gu ’m beil do chuailein Ormsa ’n a bhuaireadh gun sgainnir. ’S ged nach iarr mi thu ri d’ phùsadh, Gu ’m b’ e mo rùn a bhi mar-riut. ’S ma thig thu rithist am lùbaibh, ’S e ’n t-eug, a rùin, nì ar sgaradh. Leanaidh mi cho dlùth ri d’ shàiltean Agus bàirneach ri sgeir-mhara. Shiubhail mi cian leat air m’ eòlas, Agus spailp de ’n stròic air m’ aineol.— Gu ’n leanainn thu feadh an t-saoghail, Ach thus’, a ghaoil, theachd am fharraid. Gu ’n ’chuireadh air mhisg le d’ ghaol mi— ’S mear, aotrom a’ ghaoir tha’m bhallaibh. A Mhórag ’g am beil a’ ghruaidh chiatach, ’S glan am fiaradh th’ ann ad mhalaidh. Do shùil shuilbhear, shocair, mhòthar, Mhireagach, chòmhnard, ’s i meallach. Déud-cailce snasta na rìmhinn’, Snaidhte mar dhìsn’ air a ghearradh. Maighdeann bhòidheach nan bas caoine, ’S iad cho maoth ri clòimh na h-eala, C—chan léuganach nan gucag; ’S fàileadh a’ mhusga de h-anail. ’S iomad òigeir a ghabh tlachd dhiot, Eadar Arcabh agus Monainn. ’S ioma leannan a th’ aig Mòraig, Eadar Mòrthir agus Arrainn. ’S ioma gaisgeach deas de Ghàidheal, Nach obadh le m’ ghràdh-sa tarrainn. A rachadh le sgiathan ’s le clàidhean, Air bheag sgath gu bial nan canan. ’Chunnartaicheadh dol ’n an òrdugh Thoirt do chòrach mach a dh-aindeoin. ’S iomad àrmunn làsdail, tréubhach, An Dùnéideann ann am bharail. Na ’m faiceadh iad gnè de ghuais ort, Dheanadh tarrainn suas ri d’ charraid. Mo chion a dheanadh leat éirigh; Do chaiptein fhéin Mac-mhic-Ailein. Gu ’n ’theann e roimhe romh chàch riut, ’S nì e fhà’st e, ach thig thairis. Gach duine tha ’n Uithist ’s am Mùideart, ’S an Arasaig dhubh-ghuirm a’ bharraich. An Canaidh, an Eige, ’s am Mòrthir— Réisimeid chòrr ud Shìol-Ailein. An àm Alastair ’s Mhontròse, Gu ’m bu bhòcain iad air Ghallaibh, Gu ’n d’ fhairich là Ionbhar-Lòchaidh, Cò bu stròicich’ ann le lannan. Am Peairt, an Cìll-saith, ’s an Allt-Eurann, Dh’ fhàg iad Réubalaich gun anam. Alastair mòr Ghlinne-Comhann, ’S brigade coimheach Ghlinne-Gairidh. Mar sin a’s an t-àrmunn Sléiteach, Ged a tha e fhéin ’n a leanabh. Dh’ éireadh leat a nall bho ’n Ruta, Antrum lùth-chleasach nan seang-each. Dhruideadh na Gàidhil gu léir leat, Ge b’ e dh’ éireadh leat no dh’ fhanadh. Shuidh deich mìle dhiùbh air cléith dhuibh An cogadh Righ Tèarlach nach maireann. ’S ioma clòth air an d’ thug iad caitein, Eadrr Cataobh agus Anainn. Bha càch a’ diùlt teachd a luadh’ dhuibh, ’S chruinnich iadsan sluagh am bannail. A rìgh, bu mhath ’s an luath-làimh iad, ’N uair a thàirneadh iad an lannan. H-uile clòth a luaidh iad riabh dhuibh, Dh’fhàg iad e gu ciatach, daingeann; Teann, tiugh, daingeann, fighte, luaidhte, Daite ruadh air thuar na fala,— Greas thairis le d’ mhnathan-luadhaidh, ’S théid na gruagaichean so mar-riut. Agus hó Mhórag, hó-ró, ’S na hóro gheallaidh. DO BHIADH Do Neart—Ma bhios e air a dheagh chnàmh. Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Cha ’n eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich e—do nach toir e slàinte agus comhfhurtachd. Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma ghabhair iad maille ri K. D. C. AIR AN SAR MHOLADH. Sampuill de K. D. C. ’s K. D. C. Pills a Nasguidh. K. D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S. & 127 State St., Boston, Mass. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. FLUR AGUS MIN direach as na muillnean. (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.) TI, SIUCAR, TOMBACA, etc. Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID. ALASDAIR MARTUINN. Sidni, C. B., Sept. 1, 1897. [TD 129] [Vol. 6. No. 17. p. 1] MAC-TALLA AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA ’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE, 22 OCTOBER, 1897. No. 17. Litir a Ontario. Tha an samhradh ’s a foghradh air a dhol seachad agus bha side againn ré na buana nach robh againn riamh na b’ fhearr. Bha mios September fuathasach tioram blàth agus a chuid a chaidh seachad do October gle mhath gus a nis. Ach tha anail na gaoithe tuath ag innseadh cheana gu’m bheil an geamhradh a tighinn, ’s nach bi an uine fada gus am bi sneachd againn. Tha gach comharra ri fhaicinn—tha ’n duilleach a tuiteam bhar nan craobh, tha na luibhean gorma air an gearradh sios leis an reothadh, tha na oidhcheanan air fàs fada, tha ’n latha air dol an giorad agus feumaidh an gealbhan a bhi air a chumail nis fhearr ’san inneal theannaidh na bha e roimhe so; a h-uille ni dhe so a teagasg dhuinn a bhi deiseil air àm a theachd; dh’ fhalbh maise agus àilleach an t-samhraidh ’s tha stoirm a gheamhraidh a teachd dlùth oirnn. Cha’n eil fios agam, gu ceart de a sgriobhas mi air an àm so. Bu mhaith leam nithean blasda do ’n luchd-leughaidh agus cha’n eil sin fuathasach furasda a dheanamh—ma dh’ fhaoidte an rud a chòrdas ri aon neach nach cord e ri neach eile, agus gu cinnteach cha’n eil ioghnadh orm dheth. ’Nuair a leughas mi thairis mo sgriobhadh fein ’sann a thig teum fotham a thilgeadh ’san teine leis cho mi-òrdail ’s a bhios e—ach am fear a fhuair an aon tàlant, nan do chuir e am buil i bhuanaicheadh e te eile. Bha an t-Urr. Iain Moireastan againn an so ’san eaglais Chleirich fo cheann da Shàbaid, fear a mhuinntir Cheap Breatunn. Tha e na shearmonaiche math. ’S ann air deuchain a thoirt da air son gairm a tha e an so. ’S ann aige tha ’Ghailig a tha math, agus cha’n eil rud ann a ruigeas cridhe duine cho mor ri cainnt bhriagha, bhlasda a mhathar. Fhritheil an duine còir an Comanachadh air an t-Sàbaid s’a chaidh ann an Gailig, agus bha moran cruinn. Tha ’m bàrr gle mhaith, ach air a shon sin tha sinn ri gearain, mar thuirt mi roimhe. Thainig an grodadh ’sa bhuntata ach cha’n eil e cho dona ’sa bha sinn a smaointeachadh a bhiodh e. Tha e a reic air son 50c am poca. Tha flùr air fas saor a rithisd—tha so a tighinn a reir rùn cuid agus an aghaidh cuid eile, ach ’s math am biadh a bhi saor. Chaidh duin’ òg a mharbhadh faisg air an àite so an latha roimhe. Bha e a fuasgladh an eich as a bhuggie agus bhuail e breab air anns a chorp, ’s cha robh e beo ach da latha na dhéigh. ’Se Alasdair Stiubhart a b’ ainm do’n òganach. Chunnaic mi caraid dhomh a thainig á Klondyke air an t-samhradh so—Niall Mac Artair, mac do Sheumas Mor Mac Artair (piobaire), a dh’ fhàg tìr Eargain ann am Muile o cheann faisg air leth-cheud bliadhna. Cha’n eil sgeul fuathasach math aig Niall air Yukon no Klondyke. Cha’n eil beatha duine ’theid an sud fuathasach tearuinte. Tha fuachd us acras ri fhulang, agus ma gheibh duine òr ann cha’n ann gun deuchainean fhulang. Tha ’n reothadh, tha e ’g ràdh, ceud troigh a dhoimhneachd. ’S e ’n dòigh a tha iad a cladhach, tha iad a dol sios ’san reothadh da throigh ’s an sin a togail dùn mor do chonnadh ’san toll agus a cur teine ris; tha sin a toirt air falbh an reothaidh troidh no dha eile agus tha na meineadairean a toirt a nios na h-ùrach ’s a toirt an òir aisde agus mar sin gus an teid iad fodha doimhneachd mhòr. Cha toireadh Niall comhairle air duine falbh ann aig am bheil tigh’nn-beo sam bith san àite so. Rinn e fhéin moran beartais ann, ach cha’n fhaigh duine am mach gu de ’s fhiach e. ’S mor an cunnart ’s an cuir daoine iad fein airson an òir, agus ’s mor an gaol tha aig cuid air an òr ’s air an airgiod. Tha cuid ann do dhaoine agus tha iad cosmhuil ris a bhoirionnach a bha ’san t-seann dùthaich. Bha moran airgid agus òir aice; dh’ fhàs i tinn aon latha agus shaoil i gu’n robh i dol a bhàsachadh agus bha i fo throm iomagain gu de a dheanadh i ri a cuid airgid. Bu mhaith leatha a thoirt leatha an taobh a rachadh i fhéin agus bha eagal oirre nach cuireadh a mhuinntir a bhiodh ga cur ’sa chiste an t-airgiod còmhla rithe. Thuirt a bhean a bha frithealadh dhi gu’n d’ fhuair ise seòl a mach air son i bhi cinnteach gu’m biodh a cuid airgid air a chur leatha. Thuirt a bhean bhochd i ’ga innse dhi gu luath. Ni mi sin, ars a bhan-altrum; innis thusa dhomh cait am bheil do chuid òir agus airgid. Tha e ann am poit fo’n talamh ann an ceann shios an tighe, ars a bhean. Fhuair a bhan-altrum an t-òr agus thuirt i ris a bhean a bha tinn gu’n leaghadh i air bainne e agus gu’m feumadh i òl, agus gu’m biodh i an sin dearbh chinnteach gun robh e leatha. Ach an àite an òir a leaghadh ’s ann a leagh a bhan-altrum cnap mor de ìm agus dh’ òl a bhean bhochd e an ait an òir. Cha d’ fhuair i bàs idir, agus bha i ’n sin gu tùrsach gu’n d’ òl i an t-òr. Ach ghleidh a bhan-altrum an t-òr dhi féin, agus a bhean bheairteach dh’ fhàs i bochd agus an te bha bochd dh’ fhàs i beairteach. Tha eagal orm gu’n d’ thuirt mi tuilleadh ’sa chòir de ghòraiche. IAIN MAC ILLEASBUIG. Priceville, Oct. 10, 1897. Posadh Furasda. Tha ’n sgeul a leanas air innse mu phòsadh càraid a bha fuireach a mach air an dùthaich ann an stàit New Hampshire o chionn leth-cheud bliadhn’ air ais. Bha muillean-sàbhaidh aig a’ mhinisteir, agus bha e ’cosg roinn mhor de ’n t-seachdain ag obair innte. Bha e ’na sheasamh an dorus na muillne aon mhaduinn briagha foghair, ’nuair a chunnaic e each a tigh’nn a nuas an rathad-mor, a bha dol seachad gle fhaisg air a’ mhuilinn. Air muin an eich bha duin’ òg a mhuinntir a choithionail aige, agus nighean òg bhòidheach a bhuineadh do aon de na bailtean a b ’fhaisge. Sheall am ministeir orra gu caoimhneil car mionard, agus an sin thuirt e riutha, “Tha mi cinnteach gu bheil sibh air son pòsadh,” “Tha,” ars an duin’ òg, ’s e ’fàs dearg leis an nàire. “Am bheil thu ’gabhail na mnatha so mar do bhean-phòsda? Cha leig sibh a leas tigh’nn bhar an eich,” ars am ministear. “Tha,” ars an duin’ òg. “Agus am bheil thusa ’gabhail an duine so mar d’ fhear-posda?” ars am ministear. “Tha,” ars a’ chaileag. “Ma tha, tha sibh pòsda, ’s bithibh a’ gabhail air adhart dhachaidh,” ars am ministear, ’s chaidh e air ais gu ’chuid sàbhaidh. Tha boirionnach d’ an ainm Mòr Russel a’ fuireach faisg air Belleville, an Ontario, a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Rugadh i ann an siorrachd Ghlinn-garaidh, agus tha piuthar dhi an sin a tha ceud bliadhna dh’ aois. Bha a h-athair ceithir fichead bliadhna ’sa sia deug ’nuair a chaochail e, agus bha a màthair ceud ’sa ceithir deug. Tha e coltach gu bheil an t-seann aois a ruith ’san fhuil aca. Tha e air a mheas gu ’n gabh e da acair air fhichead de fhearainn gus aon duine a chumail suas air feòil. Bheir an tomhas ceudna de dh’ fhearann seachad de chrithneachd na chumadh da fhichead duine ’sa dha, de chorca na chumadh ceithir fichead ’sa h-ochd, agus de bhuntàta, de chorn ’s de rice, na chumadh biadh ri ochd fichead ’sa sia deug. [TD 130] [Vol. 6. No. 17. p. 2] SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. XVI. B’ e miann is iarrtus laidir mo chridhe am bas fhaotainn anns an am. Ach mar is trice, cha’n faigh daoine an ni a’s miannach leotha. An uair a thug mi fa near nach deanadh gul is caoidh feum sam bith dhomh fhein, no dhasan a bha sinte marbh air mo bheulaobh, agus a smaoinich mi gu’m faodadh ’athair tighinn gun dail sam bith, agus mo ghlacadh ’s mo chur gu bas, thuirt mi rium fhein gu’m b’fhearr dhomh mo chasan a thoirt as, agus mi fhein ’fhalach an aite eiginn anns an eilean. Ghrad dhirich mi suas an staidhre, agus an uair a leig mi a’ chlach air an dorus, agus a chuir mi an talamh air a muin mar a bha e roimhe, thug mi m’ aghaidh air a’ choille. Faisge air aite anns an robh an taigh-fo-thalamh bha craobh mhor air an robh duilleach tiugh. Dhirich mi suas do’n chraoibh so, agus suil gu ’n d’ thug mi air a’ chuan chnnnaic mi an long a’ seoladh o thir-mor a dh’ionnsuidh an eilein. Thuirt mi rium fhein, “Ma chi an seann duine mi, is docha gu’n toir e air na seirbhisich mo ghrad mharbhadh an uair a chi e gu’m bheil a mhac marbh. A ’dh’ aindeoin na their mi ris gus mo leithsgeul a ghabhail, cha chreid e mi. Is fhearr dhomh mi fhein a chumail am falach cho math ’s a theid agam air.” Air dhomh so a radh, dhirich mi na b’ airde anns’ chraoibh. An uine ghoirid na dheigh sin thainig an long gu aite acaire, agus thainig an seann duine agus na seirbhisich gu tir. Bha coltas air an t-seann duine a bhith ann an dochas math gu’m faigheadh e a mhac beo an uair a ruigeadh e an taigh-fo-thalamh. Ach an uair a rainig iad far an robh e, agus a chunnaic iad gu’n robh an talamh air ur-chladhach, ghabh iad mi-mhisneach mhor. Thog iad a’ chlach, agus chaidh iad sios; agus an uair a ghairm an seann duine air an duine og air ’ainm agus nach d’ thug e freagradh dhaibh, thuit an cridhe buileach glan. Chaidh iad do’n t-seomar anns an robh e, agus fhuair iad fuar, marbh e, agus an sgian ’na chridhe. An uair a chunnaic iad mar a bha leig iad uile an aon ghlaodh cianail asda, agus ann an tiotadh thuit an seann duine ann an neul. Thug na seirbhisich am mach as an taigh-fo-thalamh e feuch an duisgeadh e as an neul an uair a gheibheadh e an t-aile, agus leig iad ’na shineadh e aig bonn na craoibh anns an robh mise. Ach a dh’ aindeoin gach doigh a dh’ fheuch iad ri’ thoirt as an neul, bha e uine mhath ann mu ’n do dhuisg e. Is ann a bha eagal orra nach duisgeadh e gu brath. An uair a dhuisg an seann duine as an neul, chaidh na seirbhisich sios do’n taigh-fo-thalamh, agus thug iad a nuas corp a mhic. Chladhaich iad uaigh, agus chuir iad an corp innte. Le cuideachadh dithis dhe na seirbhisich bha ’n seann duine comasach air seasamh ag bruaich na h-uaghach fhad ’s a bha e ’cur a’ cheud lan no dha spaide de’n uir air corp a mhic. ’N a dheigh sin lion na seirbhisich an uaigh. An sin thug iad leotha an t-innsreadh agus gach ni eile a bh’ anns an taigh-fo-thalamh do’n luing. Bha ’n seann duine cho fann le bron ’s le bristeadh cridhe ’s nach robh e ’n comas dha ceum coiseachd a dheanamh. Thog na seirbhich leotha air mhaidean e do ’n luing, agus gun dail sam bith sheol iad gu tir-mor. An uair a chaidh an long as mo shealladh, thainig mi ’nuas as a’ chraoibh. Chaidil mi anns an taigh-fo-thalamh an oidhche sin. An la-iar-na-mhaireach dh’ fhalbh mi air feadh an eilean, agus an uair a thainig an oidhche chuir mi seachad i anns an aite a b’fhasgaiche a thachair rium. Bha mi fad mhios a’ falbh air feadh an eilein air an doigh so. Latha dhe na laithean thug mi an aire gu’n robh am muir air traghadh anabarrach mor, agus nach robh ach astar beag ri shnamh gus am faighinn gu cladach tir-mor. An deigh dhomh snamh tarsuinn air a’ mhuir, bha astar math agam ri choiseachd air feadh na bha de lathaich ann an iochdar a’ chladaich. Bha mi gle sgith mu ’n d’ rainig mi talamh tioram. Shuidh mi greis a leigeadh m’ analach. ’N a dheigh sin an uair a choisich mi astar math air m’ aghaidh troimh duthaich, chunnaic mi, ar leam, meall mor teine astar math uam. Thug an sealladh so toileachadh mor dhomh: oir bha fhios agam gu’m biodh daoine faisge air far am biodh teine. Ach an uair a chaidh mi gu math na bu dluithe dha, chunnaic mi nach e teine a bh’ ann ach caisteal copair a bha anabarrach mor, maiseach; agus an uair a bhiodh a’ ghrian a’ dearrsadh air, shaoileadh duine a bhiodh fada uaithe gur e meall mor teine a bh’ann. An uair a rainig mi faisge air a’ chaisteal so, shuidh mi car uine a leigeadh m’ analach, agus a ghabhail beachd air; oir cha’n fhaca mi aitreamh riamh cho briagha ris. Cha robh mi fada ’nam shuidhe an uair a chunnaic mi deichnear dhaoine oga cho deas, dealbhach, dreachar ’s a chunnaic mi riamh a’ tighinn an rathad a bha mi. Ach ghabh mi ioghnadh mor an uair a thug mi ’n aire gu’n robh an t-suil dheas air a cur as gach fear dhiubh. Bha seann duine ard, liath, a bha gle thlachdmhor ’na choltas, a’ coiseachd maille riutha. Cha b’ urrainn domh gun ioghnadh a ghabhail an uair a chunnaic mi uiread so de dhaoine comhladh air leith shuil, agus an aon t-suil a dhith orra gu leir. Am feadh ’s a bha mi ’dol fo m’ smaointean cia mar a thachair dhaibh a bhith ann an cuideachd a cheile, thainig iad far an robh mi ’nam shuidhe, agus, a reir choltais, bha iad gle thoilichte m’ fhaicinn. An deigh dhaibh failte a chur orm dh’fheoraich iad dhiom ciod e a chuir an sid mi. Thuirt mi riutha gu’n tugadh e uine fhada dhiom fios an aobhair innseadh; ach nam b’e an toil suidhe laimh rium, gu’n innsinn mo naigheachd dhaibh o thoiseach gu deireadh. Shuidh iad ri m’ thaobh, agus dh’ innis mi dhaibh a h-uile ni a thachair dhomh o’n latha ’dh’ fhalbh mi as mo rioghachd fhein. An uair a chual’ iad mu gach ni a dh’eirich dhomh ghabh iad ioghnadh mor. An uair a chuir mi crioch air mo naigheachd, dh’ iarr na daoine oga orm a dhol do ’n chaisteal maille riutha. Ghabh mi an tairgse gu toileach, agus an uair a chaidh sinn a steach ’s a choisich sinn troimh mhoran sheomraichean, rainig sinn seomar mor, farsuinn, anns an robh deich langsaidean, air am biodh an deichnear dhaoine oga nan suidhe air an latha, agus ’nan cadal air an oidhche. Bha na langsaidean so mor-thimchioll an t-seomar, agus bha ’n langsaid air am biodh an seann duine ’na shuidhe ’s ’na chadal, ann am meadhain an t-seomair. Ach o nach toilleadh air aon seach aon de na langsaidean ach aon duine, thuirt fear de na daoine oga rium, “A chompanaich, suidh thusa aìr an lar-bhrat ann am meadhain an t-seomair, agus na cuir ceisd mu thimchioll ni sam bith a buineas dhuinne, agus na fheoraich c’ar son a tha ’n t-suil dheas g’ ar dith ’nar deichnear; gabh beachd air na chi thu, ach na farraid mu dheidhinn ni sam bith. An uair a bha sinn greis ’nar suidhe dh’ eirich an seann duine bhar na langsaid, agus chaidh e am mach as an t-seomar. An uine gun bhith fada thill e steach. Thug e an sin a steach an t-suipear, agus thug e a chuid fhein do gach fear air leith. Thug e dhomhsa mo shuipear mar an ceudna, agus ghabh mi i air leith leam fhein mar a rinn cach. An uair a ghabh sinn ar suipear thug e cupan fiona do gach aon dhinn. Chuir an naigheachd a dh’innis mi dhaibh mu gach mi-fhortan a thachair dhomh a leithid a dh’ ioghnadh orra ’s gu’n do ghuidh iad orm a h-innseach dhaibh a rithist. Dh’ innis mi dhaibh i o thoiseach gu deireadh, agus bha cuid mhor dhe’n oidhche air a dhol seachad mu ’n do chuir mi crioch oirre. Thuirt fear dhe na daoine oga gu’n robh moran de ’n oidhche air a dhol seachad, agus mu’n rachadh iad a laidhe gu’m feumadh iad an dleasdanas a dheanamh mar a b’ abhaist dhaibh. A n uair a’ chual’ an seann duine so dh’ eirich e agus chaidh e steach do sheomar beag a bha faisg air, agus thug e ’mach as deich miosan anns an robh luath is smurguail is dath dubh air am measgadh feadh a cheile. Thug e mios an t-aon do gach fear de’n deichnear dhaoine oga. Shuath iad an stuth so ri ’n aghaidhean, agus chuireadh an dreach a bh’ orra eagal air dearg mheirleach. Thoisich iad ri gul ’s ri bualadh an cinn ’s an uchd, agus ri radh, “So an toradh a th’ againn air son cho diomhain ’s cho mi-bheusach ’s a chaith sinn ar beatha ’s an am a dh’ fhalbh.” Lean iad air an obair so gus an robh e dluth air a’ mhadainn. An uair a sguir iad, thug an seann duine a steach uisge. Nigh [TD 131] [Vol. 6. No. 17. p. 3] iad an lamhan ’s an aghaighean, agus chuir iad umpa aodach glan. Chuir an obair a bh’ aca ioghnadh mor orm. Bha fior thoil agam bruidhinn riutha a chum gu’m feoraichinn dhiubh ciod bu chiall do’n obair a bh’ aca; ach bha eagal orm mo bheul ’fhosgladh o’n a chuireadh gasaidean cruaidh orm gun aon fhacal a radh mu thimchioll ni sam bith a chithinn no ’chluinnninn. Chuir na chunnaic ’s na chuala mi a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s nach d’ thainig norradh air mo shuil fad na h-oidhche. An la-iar-na-mhaireach cha bu luaithe a dh’ eirich sinn na ghabh sinn ceum am mach o ’n chaisteal. Thuirt mi riutha, “A dhaoine uaisle, ged a thuirt sibh rium nach robh mi ri ceisd a chur oirbh mu thimchioll ni sam bith a chithinn no chluinninn, cha ’n ’eil e an comas dhomh fuireach samhach na ’s fhaide. Tha lan fhios agam gur daoine turail, tuigseach sibh. Ach chunnaic mi sibh a’ deanamh nithean nach deanadh daoine glice sam bith gun aobhar sonraichte, agus bu mhath leam fios an aobhair a chluinntain. C’ar son, ma ta, a dhubh sibh bhur n-aghaidhean an raoir? C’ar son a tha gach fear dhibh air leith shuil? Tha aobhar sonraichte air a shon so, agus bu mhath leam fios an aobhair ’fhaotainn am mach.” Thuirt iad rium nach robh gnothach sam bich agam a bhith feorach ceisdean de’n t-seorsa dhiubh, agus gu’m b’e ’n gnothach bu ghlice dhomh mo bheul a chumail samhach. An uair a chuala mi so dh’ fhan mi samhach. Chuir sinn seachad an latha gu caoimhneil, cairdeil a’ chomhradh mu chaochladh nithean. Ach an uair thainig an oidhche ’s a ghabh sinn ar suipear, thug an seann duine a steach na miosan, agus dhubh gach fear dhiubh ’aodann, agus rinn iad gul is caoidh mar a rinn iad an oidhche roimhe sin, agus ghlaodh iad, “Is e so an toradh a th’ againn air son cho diomhain agus cho mi-bheusach ’s a chaith sinn ar beatha ’s an am a dh’ fhalbh.” Rinn iad a’ cheart ni an treas oidhche. Mu dheireadh, cha robh e ’n comas dhomh fuireach samhach, agus ghuidh mi orra gu durachdach gu ’n innseadh iad dhomh c’ar son a bha iad ris an obair ud a h-uile oidhche, air neo iad a dh’ innseadh dhomh cia mar a gheibhinn air ais do m’ rioghachd fhein. Thuirt mi riutha mar an ceudna gu’n robh e neo-chomasach dhomh fuireach na b’ fhaide comhladh riutha mur iunseadh iad dhomh aobhar na h-obrach a bh’ aca a h-uile oidhche. Fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, “Na biodh ioghnadh sam bith ort ged nach d’ thug sinn dhuit am fiosrachadh a bha thu ag iarraidh. Is ann air son do mhath fhein a tha sinne a’ fuireach samhach, ’Nan innseamaid dhuit gach ni mur deidhinn, bhiodh tu anns an aon suidheachadh ruinn fhein.” Thuirt mi ris gu’n robh mi suidhichte air fios an aobhair fhaotainnn am mach ciod sam bith na dh’ fhuilinginn air a shon. “Is e mo chomhairle dhut,” ars’ esan, “gun an corr cheisdean a chur oirnn, air neo ma chuireas, caillidh tu do shuil dheas air a shaillibh.” “Tha mi cearta coma,” arsa mise, “tha mi ’g innseadh dhut nach cuir mi coire sam bith ortsa, ged a thachradh dhomh mar a tha thu ’g radh.” CAIB. XVII. Thuirt e rium mar an ceudna, nach ruiginn a leas dochas sam bith a bhith agam gu’m faighinn cead fuireach comhladh riutha anns a’ chaisteal, ged a bhiodh toil agam, do bhrigh nach robh aite ann air son duine tuilleadh. Thuirt mi riutha gu’m biodh e ’na thoil-inntinn gle mhor dhomh cead ’fhaotainn fuireach maille riutha; agus ciod sam bith mi-fhortan a dh’ fhuilinginn air a’ shaillibh, gu ’n robh mi ’guidhe orra am fiosrachadh a bha dhith orm a thoirt dhomh gun dail. An uair a chunnaic iad nach robh mi deonach an comhairle a ghabhail, fhuair iad caora, agus mharbh iad i. An uair a thug iad dhith an craicionn, thug iad dhomh sgian, agus thuirt iad rium gu ’m biodh i feumail dhomh an uine gun bhith fada. “Feumaidh sinn innseadh dhut,” ars’ iadsan, “gu ’m bheil sinn a’ dol ’g ad fhuaghal anns a’ chraicionn so, agus an uair a dh’ fhagas sinn air cnoc thu, thig eun anabarrach mor ris an canar an roc, agus togaidh e air falbh leis thu ’na chruidhean, an duil gur e caora a bhios aige. Ach na biodh eagal sam bith ort; leigidh e as thu air mullach beinne. An uair a leigeas e as air an talamh thu, gearraidh tu an craicionn leis an sgidhinn, agus tilgidh tu dhiot e. Cho luath ’s a chi an roc thu, teichidh e air falbh leis an eagal, agus faodaidh tu do rathad a ghabhail. Ach na stad gus an ruig thu caisteal anabarrach mor, maiseach, a th’ air a thogail de chlachan luachmhor, agus air a chomhdachadh le or fiorghlan. Tha ’n geata fosgailte aig gach am, agus cha ’n eil agad ach gabhail a steach air. Bha sinne sinn-fhein anns a’ chaisteal cho fad ’s a bha sinn an so; ach cha ’n innis sinn dhut ni sam bith mu thimchioll ciod a chunnaic no ’chuala sinn, no ciod a thachair dhuinn an uair a bha sinn ann. Gheibh thu fios air thu-fhein; ach faodaidh sinn a radh gur ann air saillibh a dhol ann a chaill gach fear dhuinn a shuil dheas, agus am peanas a chunnaic tu sinn a’ deanamh a h-uile oidhche, feumaidh sinn a dheanamh a chionn gu ’n robh sinn anns a’ chaisteal. Tha eachdraidh gach aon dhinn cho lan de dhriod-fhortan iongantach ’s gu ’n lionadh iad leabhar mor. Cha ’n fhaod sinn an corr innseadh dhut.” An uair a chuir am fear a bha ’labhairt crioch air na bh’ aige ri radh rium, dh’ fhuaigh iad ann an craicionn na caorach mi, agus an sgian ’nam laimh. Chuir iad air cnoc mi, agus thill iad do ’n chaisteal. Cha robh mi fada air a’ chnoc an uair a thainig an roc mar a thubhairt iad, agus thog e leis mi ’na chruidhean mar gu ’m biodh caora aige, agus thug e gu mullach beinne mi. Cho luath ’s a leig e as mi ghearr mi an craicionn leis an sgidhinn, agus thilg mi uam e. An uair a chunnaic an roc mi, theich e air falbh cho luath ’s a bh’ aige. Is e eun geal, anabarrach mor, a th’ anns an roc, agus tha e cho laidir ’s gu’n tugadh e elafant leis gu mullach beinne gus a h-itheadh. Gun dail sam bith choisich mi air falbh feuch an tachradh an caisteal orm. Leis cho cabhagach ’s a choisich mi, rainig mi e ann an leith latha; agus feumaidh mi ’radh gu’n robh e moran ni bu bhriagha na dh’ innis iad dhomh. Fhuair mi an geata fosgailte, agus an uair a chaidh mi steach, thainig mi gu cuirt cheithir chearnach a bh’ ann an teis-meadhain a’ chaisteil. Sheas mi tiotadh, agus sheall mi mor-thimchioll orm, agus thug mi ’n aire gu ’n robh coig fichead dorus air a’ chuirt. Bha ceithir fiichead ’sa naoi deug dhiubh air an deanamh dhe na h-uile seorsa fiodha a b’ fhearr agus bu mhaisiche na cheile, agus bha ’n dorus eile air a dheanamh de dh’ or fiorghlan. Ghabh mi steach air an dorus a b’ fhaisge dhomh, agus an uair a chaidh mi beagan air m’ aghaidh thainig mi gu seomar mor, farsuinn, lan innsridh cho maiseach ’s cho luachmhor ’s a chunnaic duine riamh. Anns an t-seomar so bha da fhichead bean-uasal ’nan suidhe, agus bha iad gu leir ’nam boirionnaich oga cho briagha ’s a chunnaic suil duine riamh; agus bha iad uile air an eideadh ann an trusgain cho riomhach ’sa b’ urrainn boirionnach a chur uimpe. Cho luath ’s a chunnaic iad mi dh’ eirich iad uile ’nan seasamh, agus ghabh iad far an robh mi gu failte a chur orm. Thuirt iad a beul a cheile “Uasail urramaich, is e do bheatha.” An sin labhair te dhiubh rium ann an ainm chaich, agus thuirt i, “Tha uine fhada o’n a bha sinn an dochas gu ’n tigeadh do leithid de dhuin’ uasal an rathad so. Tha choltas ort gur duine thu a tha anns gach doigh freagarrach air son cuideachd a chumail ruinn, agus tha sinn an dochas gu ’m bi ar comunn-ne taitneach gu leor dhutsa.” Thug iad orm suidhe anns a’ chathair a b’ fhearr a bh’ anns an t-seomar. Ach an uair a leig mi ris dhaibh nach robh mi ’meas gu ’m b’ airidh mi air a’ leithid so a dh’ urram ’fhaotainn uatha, thuirt iad, “Sin agad d’ aite; aig an am is tu ar tighearna, ar maighstir, agus ar breitheamh, agus tha sinn uile gu bhith umhail dhut anns gach ni a chuireas tu mu ’r coinneamh.” Chuir an caoimhneas a bha iad a’ nochdadh dhomh, agus an toil a bh’ aca bhith ’deanamh gach frithealadh dhomh, ioghnadh anabarrach mor orm. Thoisich te dhiubh ri nigheadh mo chas ann an uisge blath; (Air a leantuinn air taobh 134.) [TD 132] [Vol. 6. No. 17. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, OCTOBER 22, 1897. Bha teine mor ann a’ Windsor la na Sàbaid s’a chaidh, a loisg cha mhor am baile gu h-iomlan, a’ fàgail mu dha mhile ’s coig ceud sluaigh gun dachaidh. Thòisich an teine mu thri uairean ’sa mhaduinn ann am bothan sabhail anns an robh àireamh de dhaolne daoraich a’ cur seachad na h-oidhche. Bha dùil an toiseach gu ’n gabhadh an teine cur as, ach mu cheithir uairean dh’ eirich an soirbheas, agus an sin sgaoil an teine cho luath ’s nach robh doigh air a chasg. Bha an sluagh uile air an dùsgadh, agus thòisich iad air na b’ urrainn daibh a dheanamh gus an cuid a shabhaladh, ach ’se gle bheag dhe sin a rinneadh. Bha chuid bu mhotha dhe na thugadh as na taighean air a losgadh air na sràidean, agus b’ fheudar do ’n t sluagh gach ni fhàgail agus teicheadh le ’m beatha. Mu naodh uairean ’sa mhaduinn cha robh ach mu ’n ochdamh cuid dhe ’n bhaile air fhàgail, agus mur b’e gu ’n d’ thainig cuideachadh á Halifacs bha sin fhéin air falbh. Cha ’n eil a nis an lathair de ’n bhaile ach aon eaglais (an eaglais Shasunnach), aon tigh-òsda, an colaiste, muilleann, agus mu choig air fhichead de thaighean-còmhnuidh. Bha làrach a bhaile na shealladh uamhasach. Bha ’n t-astar air ’n do ruith an teine mu mhile dh’ fhad ’s mu leth-mhile leud, agus bha sin uile lan de làraichean ceòthach. Chaidh cuideachadh a ehur dh’ ionnsuidh a bhaile cho luath ’sa ghabhadh deanamh, agus chaidh an sluagh a chur fo fhasgadh ann am bùithean. Bhatar an dùil fad dha no tri lathaichean nach do chailleadh beatha sam bith anns an teine, ach fhuaireadh uaithe sin da chorp ann an làrach aon da na taighean. Bu sheana charaid iad d’ am b’ ainm Kelly, agus tha e coltach gu ’n d’ thainig an teine orra cho grad ’s nach b’ urrainn daibh teicheadh. Bha iad le chéile mu thri fichead bliadhna dh’ aois. ’Se so an teine ’s motha rinn de chall a bha riamh ann an Nobha Scotia. Thatar a’ meas gu robh fiach tri muillein dolair air a losgadh, agus cha robh ach mu leth muillein de dh’ airged-urrais air. Bha an t-Onarach A. G. Blair, Ministear nan Rathaidean-Iaruinn ’s nan Rathaidean-Uisge, ann an Ceap Breatunn air an t-seachdain so. Ràinig e-fhéin us Priomhair Murray, D. C. Friseal, Cailean Mac Isaic, agus uaislean eile, Sidni Tuath feasgar Di-màirt, agus rinn muinntir a bhaile sin cuirm mhor dhaibh an oidhche sin. Di-ciaduin chaidh iad air adhart gu Louisburg, agus air dhaibh tilleadh beagan an deigh coig uairean feasgar, rinn iad dàil bheag ann an Sidni, agus an sin chaidh iad an iar. Bha dùil aig muinntir Shidni gu ’m biodh e aca ùine na b’ fhaide na bha e, agus tha iad gle dhiombach dhe air son cho beag cothrom ’sa thug e dhaibh air an iarratusan a thoirt fa chomhair. Bha e an toiseach ri bhi ’sa bhaile air deich uairean ’sa mhaduinn; ’nuair nach d’ thainig e aig an àm sin, bha e gu bhi ann mu dha uair feasgar; cha d’ thaing e aig da uair, agus an sin bhiodh e ’sa bhaile air ceithir uairean, ach bha e ’n deigh coig mu ’n d’ thainig e. Tha cuid de mhuinntir a’ bhaile dhe ’n bharail gur h ann a bha e ’deanamh falach-fead orra, ach tha sinn an dòchas nach eil sin ceart. Ach tha sinn ’ga mheas mar ni mi-fhortanach nach fhaca Mr. Blair iomchuidh, air a cheud turus do ’n eilean so, barrachd ùine chur seachad anns a’ cheanna-bhaile. Rinn an soitheach-smùide tha gu bhi ruith eadar am port so agus Newfoundland a ceud thurus toiseach na seachdain so, agus rainig i Sidni Tuath ’sa mhaduinn Di-màirt. ’Se ’s ainm dhi am “Bruce,” agus tha i ’na soitheach math agus anabarrach freagarrach air son a chuain troimh am bheil aice ri bhi ruith. Tha i gu bhi ruith eadar Sidni Tuath agus Placentia da uair ’san t-seachdain gus am bi crioch ais a chur air na laimhrigeah ann am Port au Basque; an deigh sin bidh i ruith gu Port au Basque, agus a deanamh turuis tri uairean ’san t-seachdain. Bha dùil gu’m biodh i tigh’nn gu Sidni, agus dh’ fhaoidte gu’m bi, ach air an turus so cha d’ rinn i ach tigh’nn a nios an acarsaid a ghabhail seallaidh air a’ bhaile, agus, gun a dol gu laimhrig idir, tilleadh air a h-ais. Bha fear Ferdinand Carriere air a chur an greim ann an Ottawa Di-màirt air son a bhi feitheamh gus ionnsuidh a thoirt air beatha Sir Wilfred Laurier. Bha daga aige, agus bha e ’g radh gu robh e ’dol a thilgeadh a’ Phriomhair a chionn nach d’ thug e obair dha. Tha cuid ag radh gu robh an duine air an daoraich, ach co-dhiu bha no nach robh, ’s e ’m priosan an t-àite ’s fhearr dha leithid. Chuir muinntir Halifacs coig mile dolair cruinn an la roimhe air son cuideachadh le muinntir Windsor. Tha Pictou a cur mile dolair g’ an ionnsuidh, Moncton, N. B., mile dolair; St. John, N. B., ceithir mile. Cha’n eil teagamh nach dean bailtean eile an cuid fheìn, agus gu dearbh tha feum air uile. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 133] [Vol. 6. No. 17. p. 5] NAIDHEACHDAN. Chaidh an stòr aig Tomas Mac Gill-fhaollain, ann an Sidni Tuath, a bhristeadh oidhche Di-haoine s’a chaidh, agus chaidh airgead agus nithean eile a ghoid aisde. Tha cuideachd a’ ghuail an dràsda ’cur mu dha fhichead mile tunna de ghual ’san t-seachdain suas Amhuinn St. Lawrence, agus leanaidh iad air sin a dheanamh gach seachdain gus an dùin an amhuinn. Ann am Preston, N. S., sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh, chaidh an tigh aig Pàdrug Downey, duine dubh, a losgadh, agns bha dithis a bha fuireach ann, Artur agus Harry Willis, air an losgadh gu bàs. Chaidh fear Alonzo Hawkesworth a chur an greim ann a’ Wolfville air an t-seachdain s’a chaidh air son meairle. Bha àireamh stòraichean air am bristeadh ann an ceann an iar na mor-roinne, agus tha àmhrus gu’m b’esan a bha ris an obair. Tha Mr. Peters, Priomhair Eilean a’ Phrionnsa, an deigh an dreuchd sin a leigeadh uaithe, agus tha e-fhéin agus Sir Tearlach H. Tupper a’ dol gu Columbia Bhreatunnach, far am bheil iad gu bhi ’n cuideachd a cheile mar luchd-lagha. Is liberal Peters, agus is conservative Tupper, ach a dh’ aindeoin sin tha iad a dol a dh’ obair cuideachd. Rinn na teintean a bh’ ann an cearnan de dh’ Ontario o chionn da sheachdain air ais call mor. Bha aireamh mhor sluaigh air am fàgail gun dachaidh agus chaill cuid dhiubh na bh’ aca ris an t-saoghal. Thatar a’ cur moran airgeid cruinn air son cuideachadh a dheanamh leotha; thug Morair Obaraidhean seachad da cheud dolair air an son. Thainig fear Domhnull Mac Philip a mhuinntir a Bhaigh an Iar ri bheatha fhein air an t-seachdain s’a chaidh. Ghearr e a sgòrnan le ràsar. Cha’n eil fhios gu de bha ’cur air a thug air an gniomh a dheanamh; bha e air a dheagh dhòigh agus cho fad s’a b’ fhiosrach na coimhearsnaich, cha robh ni sam bith a cur deagh air. Bha e ’na sheann duine air an robh eòlas farsuinn, agus bha e gle mheasail. Chaidh fear Uilleam Mac Iamhair a ghoirteachadh anns a’ mhèinn an Seana Bhridgeport seachdain gus an dé. Chaidh a lamh a bhirsteadh agus a cheann a ghearradh ’sa bhruthadh gu dona. Aig a mhèinn cheudna, thuit fear Tomas Mac Fhearghais fo na carbadan guail, agus chaidh iad thairis air ’ga leòn cho dona ’s nach robh e beo ach mu ochd uairean. Thachair an da sgiorradh so ’san aon seachdain. Bha dithis de luchd-reic an stuth làidir air beulaobh fir-ceartais ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuaireadh iad ciontach ’s chaidh càin leth-cheud dolair am fear a chur orra. Bha duin’ aig cùirt ann an Sidni cuideachd, agus chuireadh càin air. Tha e coltach gu bheil muinntir an da bhaile, cho math ri muinntir na Méinne Tuatha ’s nam méinnean eile a’ cur rompa cur as do reic an stuth làidir ma ghabhas deanamh. Tha muinntir Halifacs agus bhailtean eile air feadh na dùthcha an deigh airgead a chur cruinn air son cuideachadh a dheanamh leis na daoine bochda a chaill an taighean ’s an cuid ann a Windsor Di-dònaich s’a chaidh. Tha baile New Glasgow a’ toirt mile dolair dhaibh; tha Toronto a’ toirt mile eile dhaibh; tha aon duine, Uilleam Cunard, a tha thall ann an Sasuinn, a’ cur mile dolair a nall air an son, agus fear eile coig ceud dolair. Cha’n eil teagamh nach bi suinn mhor airgeid air a chur d’ an ionnsuidh, na dh’ fhoghnas dhaibh gus am faighear am baile thogail. Chaochail Mabel, nighean do Iain Cove, an Amherst, gle aithghearr, toiseach na seachdain s’a chaidh. Ghoirtich i i-fhein ’s i a’ gàireachdaich, ’s cha robh i beò ach uine gle ghoirid. Bha toiseach na seachdain so gle fhuar. Bha stoirm mhor ann latha agus oidhche na Sàbaid. Tha na lathaichean fuara, stoirmeil so ag innse dhuinn nach fhada gus am bi an geamhradh againn. Bhuail da charbad-smùide ’na cheile faisg air Ottawa seachdain gus an dé, agus bha ceathrar dhaoine air am marbhadh; bu thramps dithis dhiubh a bha ’goid an turuis; b’e ’n dithis eile fear-na-h-inneil, agus an cléireach-posta Tha cuid de na méinnean ag obair gu trang, cho trang ’sa bha iad riamh, ach tha cuid dhiubh anns nach eileas a’ deanamh a bheag sam bith de dh’ obair. Anns a che’-la-deug a chaidh seachad cha do dh’ obraich méinn Ghowrie ach tri latha. Tha an gual gu math saor ann an Sidni air an fhoghar so, na’s saoire na bha e o chionn iomadh bliadhna. Gheibhear an dràsda uiread guail (slack) air 40c ’sa gheibhte an uiridh us bliadhnaichean eile air 60c. ’Se ’s aobhar dha sin gu bheil barrachd us aon chuideachd a creic guail am bliadhna; mur bitheadh bhiodh e cho daor ’sa bha e roimhe. ’Nuair a bha ’n t-Ard-Riaghladair ann an Sidni bha àireamh thaghte de luchd na bataraidh air an gairm a mach le òrdugh a mhàidsear air son fàilte chur air an uasal mar bu dligheach. Bha seachdnar no ochdnar de na h-òganaich nach d’thainig air lom idir, agus tha iad sin a nise air an cur ’san lagh agus tha aca ri cùirt a sheasamh air an ath mhios. Tha an t-Urr Andra Mac Gillebhràth, sagart Lios-mhoir, an siorrachd Phicton, an deigh am paraiste sin a leigeil dheth, agus tha an t-Urr. Alasdair Siosal, D. D., sagart Loch Ainslie, a dol ’na àite. Tha mar an ceudna an t-Urr. R. H. Dùghlach, sagart Mhargaree, a’ dol do pharaiste Thorburn, an siorrachd Phictou, agus sagart a pharaiste sin, an t-Urr. A. Mombourquette, a dol do Mhargaree. Bha fear Mac Neill, a mhuinntir na Meinne Tuatha, air an robh àmhrus gu’n do ghoid e sleighe ’sa gheamhradh s’a chaidh, air a ghlacadh o chionn ghoirid, agus tha e nise anns a phriosan ’sa bhaile so a’ feitheamh cùrtach. Dh’ fhàg e an dùthaich nuair a bhathas ’ga iarraidh ’sa gheamhradh, ach thill e o chionn beagan ùine air ais. Bhuineadh an t-sleighe chaidh a ghoid do na Bràithrean Mac Aoidh ann an Sidni. A reir sgeòil nam paipearan-naigheachd, tha da bhoirionnach fhialuidh ann am Montreal, ’nan robh fhios cò iad. Tha tigh mor anns a bhaile sin ris an abrar Dachaidh nan Gillean, anns am bheil gillean bochda a faotainn am beathachaidh ’s am foghlum gu saor. Air an t-seachdain s’a chaidh, thug aon bhoirionnach coig mile dolair seachad air son cuideachadh le cumail suas an taighe sin, agus thug té eile seachad tri mile. Cha’n eil té seach té dhiubh air son a h-ainm a dheanamh follaiseach. POSAIDHEAN. Ann an Roxbury, Mass., air an treas latha deug de dh’ October, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. A., B. D., air a chuideachadh leis an Urr. Aonghas Mac ’Ille-mhaoil, as a Bhàigh ’n Iar, C. B. Domhnull S. Mac Gilleain, á Malagawatch, C. B., us Mor A. Nic Dhomhnuill, á Amhuinn Dhennis, C. B. Ann am Boston, Mass., air an treas latha deug de dh’ October, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. A., B. D., ministear eaglais St. Andrew’s, air a chuideachadh leis an Urr. D. Mac Ille-mhaoil, as a’ Mhéinn a Tuath, C. B., Donnachadh A. Mac Fhionghain, a Loch Ainslie, C. B., us Mairi Nic Coy, am Boston. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .30 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MacKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. IUBILI! THIG AGUS FAIC! Ceannachd ur us Prisean ura. A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse. Niall Domhnullach. Ceann an Iar a Bhaile. BADDECK, - - C. B. A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris. [TD 134] [Vol. 6. No. 17. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 131.) bha te eile a’ nigheadh mo lamhan ann an uisge fuar; bha ’n treas te a’ faighinn aodaich deiseil a chuirinn umam; bha cach a’ faighinn a bhidh deiseil, agus a’ deanamh gach ni a ghabhadh deanamh a chum a’ chuirm a bha gus a bhith againn a chur an ordugh gu math ’s gu ro-mhath. An uair a ghabh sinn na thainig ruinn de ’n bhiadh ’s de ’n deoch a bha cho pailt air ar beulaobh, shuidh iad mu ’n cuairt orm, agus dh’ iarr iad orm mo naigheachd innseadh dhaibh. Dh’ innis mi dhaibh m’ eachdraidh o thoiseach gu de readh, agus mu ’n do chuir mi crioch air na bh’ agam ri innseadh dhaibh, bha’ m feasgar anamoch ann. An uair a thainig dubhar an fheasgair las iad aireamh mhor de choinnlean ceireach, agus cha mhor nach robh an seomar cho soilleir ’s ged a bhiodh a’ ghrian na h-airde. Beagan uine ’na dheigh sin fhuair iad an t-suipear deiseil, agus bha gach seorsa bidh is dibhe air am b’ urrainn duine smaoineachadh air ar beulaobh air a’ bhord. Shuidh sinn aig an t-suipear, agus bha cuid mhath dhe ’n oidhche air a dhol seachad mu ’n d’ eirich sinn o’n bhord. An uair a bha ’n t-suipear thairis, thoisich cuid diubh ri cluich air innealan-ciuil dhe gach seorsa, agus thoisich cuid eile ri dannsa. Bha e ’n deigh a mheadhain oidhche mu ’n do chuireadh crioch air a’ cheol ’s air an dannsa. Mu dheireadh thuirt iad rium, “Is cinnteach gu’ m bheil thu sgith an deis na rinn thu de choiseachd an diugh. Tha ’n t-am agad a dhol a ghabhail mu thamh. Tha ’n seomar-cadail deas.” Thuirt mi gu ’n robh mi toileach gu leor a dhol a laidhe o’n a bha mi sgith agus air dhroch cadal iomadh oidhche roimhe sin. Thugadh do sheomar anabarrach maiseach mi far an do chaidil mi cho trom ris a’ chloich gus an do shoilleirich an latha. Mu ’n gann a chuir mi umam mo chuid aodaich ’s a’ mhadainn, thainig na mnathan-uaisle gu leir a steach do ’n t-seomar far an robh mi a chur failte na maidne orm, agus a dh’ fheorach cia mar a fhuair mi cadal, agus cia mar a bha mi. Thug iad deise riomhach do m’ ionnsuidh, agus an uair a thainig mi as an taigh-fharagaidh chuir mi umam i. Chaith sinn earrann mhath de ’n latha mu ’n bhord a’ gabhail bidh agus dibhe, agus an uair a chuir sinn seachad earrann mhor de ’n oidhche ri ceol ’s ri orain ’s ris gach toileachas-inntinn eile a bha freagarrach agus iomchuidh air son ar leithidean, ghabh sinn mu thamh. A chum sgeula goirid a dheanamh dheth, chuir sinn bliadhna seachad leis gach sogh is subhachas air an urrainn duine ainm a chur. An ceann na bliadhna an uair a thainig na mnathan-uaisle steach do ’n t-seomar a chur failte na maidne orm mar bu ghnath leotha ’dheanamh, thug mi an aire gu ’n robh coltais mulaid air gnuis gach te dhiubh, agus chuir so ioghnadh mor orm; oir bu ghnath leotha a bhith anabarrach cridheil, aoidheil. Rug te an deigh te dhiubh orm na gairdeanan, agus thuirt iad, “Slan leat, a phrionnsa, slan leat! oir feumaidh sinn dealachadh riut.” An uair a chunnaic mi iad a’ sileadh nan deur, cha b’ urrainn domh cumail orm fhein. Dh’ fheoraich mi dhiubh c’ar son a bha iad cho tuirseach, agus ciod a b’ aobhar gu ’n robh iad a’ dol a dhealachadh rium. “An ainm an aigh, innsibh dhomh e, agus ma tha e idir ’nam chomas comhfhurtachd no cuideachadh a thoirt dhuibh, ni mi e,” arsa mise. Ach an aite mo fhreagairt thuirt iad, “B’ fhearr nach fhaca sinn riamh thu! Ged a chuir iomadh duine uasal greis dhe ’n uine seachad ’n ar cuideachd, cha ’n fhaca sinn fear eile riamh fhathast a bha cho fior thlachdmhor anns gach doigh ’s a bha thusa; agus cha ’n eil fhios againn cia mar a bhios sinn beo as d’ aonais.” An uair a thuirt iad so, thoisich iad a rithist ri gul ’s ri caoidh. “A mhnathan-uaisle coire,” arsa mise, “na bithibh ’g am chumail an an-fhios na ’s fhaide. Innsibh aobhar bhur broin dhomh.” “Ochan!” ars iadsan, “is i an eiginn anns am bheil sinn a chionn a bhith dealachadh riut a tha ’g ar fagail cho bronach. Is docha nach fhaic sinn a cheile gu brath tuilleadh. Ach ma thogras tusa stamhnadh a chur ort fhein, faodaidh e bhith gu’ n coinnich sinn a cheile fhathast.” “A mhnathan-uaisle,” arsa mise, “cha ’n eil mi ’tuigsinn ciod a tha sibh a’ ciallachadh; an ainm an aigh innsibh dhomh gu soilleir mu ’n chuis.” (Ri leantuinn.) Na Spainntich. “Fuaim mhor a bolg fas.” ’S gailbheach an fhuaim a tha Cona a deanamh anns a’ MHAC-TAHLA! Na’m biodh e ’n Cuba, agus na Spaintich cho truagh ’s a tha e ’g radh, ’s cinnteach gun tugadh a chuid boilich orra teicheadh gun dail. Ach cha toir daoine tuigseach moran aire do leithid so de spagluinn. Cha d’ thuirt Mac-Iain gu robh na Spainntich riamh foghluimte, ach thuirt e gu robh iad foghluimte, agus mu tha corr dearbhaidh a dhith air neach sam bith leughadh e an Encyclopedia Britannica air litreachas na Spainnteach agus air an taighean leabhraichean. Leughadh Cona a rithisd eachdraidh beatha Cholumbus le Irving—leugh Mac-Iain i o chionn fada—agus mur a bheil e gu tur dall chi e nach robh na Spainntich ’s a linn ud idir “gun tuaiream, gun toinisg,” Tha Irving ag radh gu ’m bu Iseabail Banruinn na Spain aon de na feadhainn a b’ airde cliu ’s bu ghlainne beusan air am bheil iomradh an eachdraidh; ach ’s math le Cona sinn a chreidsinn gun robh an cinnidh ’s an d’ fhuair i ’h-arach ’s a foghlum ’s air an robh i na riaghladair “riamh gun tuaiream gun toinisg.” A reir Cona ’s i amaideachd uamhasach a bh’ anns an Armada. Ma dh’ fhaoidte! ach na fiachainn ri cunntas a thoirt seachad air a h-uile amaideachd agus anaceart a rinn Breatunn chumainn a MAC-TALLA lan gu ceann bliadhna, ach cha bhiodh sin na dhearbhadh do dhuine tuigseach sam bith gu robh na Breatunnaich “riamh gun tuaiream gun toinisg.” Cha teid mi idir as aicheadh gun d’ rinn na Spainntich iomadh ni aingidh, ana-ceart, ann an America, ach sheall mi cheana gu soilleir gu robh iad na b’ fhearr do na h-Innseanaich na bha na Breatunnaich, agus cha d’ rinn Cona uibhir agus fiachainn ri mo dhearbhadh a bhreugnachadh. Thug mi dha teisteannas feadhnach a mheoraich air a ghnothuch, agus cha ghabh teisteannas de ’n t-seorsa so a thoirt gu neoni le facal sgriobhadair gun ainm ge b’e de cho ard ’s a labhras e. Gun teagamh thuit a Spainn bho ’n inbhe aird anns a robh i; ach thuit, mar an ceudna, a’ Ghreig, a’ Roimh, agus iomadh cinneadh cumhachdach eile, agus co an neach aig am beil tur a their gu robh na Ròmanaich ’s na Greugaich “riamh gun tuaiream, gun toinisg.” Tha mi ’n dochas gu bheil Cona an nisd sgith cainidh. Chain e na Spainntich, agus sin chain e Mac-Iain chionn gun do ghabh e pairt cinnidh nach b’ urrainn freagairt air a son fhein. Ann an caineadh ’s cinnteach gu faigh Cona a chiad dhuais. ’S ainneamh an neach a’s urrainn seasamh na aghaidh, agus ma chumas e aig caineadh, agus ma leanas e air reusan a sheachnadh cha chluinn e ’n corr bho MHAC-IAIN. Oct. 16mh, 1897. A’ Ghaidhlig. Tha ’m bàrd dileas, fonnmhor, Niall Mac Leoid, ag radh: Duisg suas, a Ghàidhlig, ’s tog do ghuth, Na biodh ort geilt no sgaig; Tha ciadan mile dileas duit, Nach diobair thu ’s a’ bhlar. Cho fad ’s a shiubhlas uillt le sruth, ’S a bhuaileas tuinn air traigh, Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth, Gu ’n teid do chur gu bas. Nam biodh gach Gàidheal thall ’s a bhos co foghainteach, eudmhor, ris a’ bhard Mac Leoid, bhitheadh a’ Ghàidhlig a’ mealtuinn cairdean ’us cuideachaidh a bheireadh dhi onoir, ’us urram, ’us soirbheachadh, a bhitheadh da rireadh, gasda, boidheach, suilbhir agus taitneach. Bhitheadh MAC-TALLA, mar an ceudna, ’faotuinn baigh ’us molaidh a dh’ fhagadh e proiseil, agus a bheireadh dha comas iomchuidh air canain ’us abhaistean aosmhor nan Gaidheal a’ chumail suas gu gleusda, gu togarrach, ’us gu duineil treubhach. Is iomadh latha ’s bliadhna fada ’thainig ’us a dh’ fhalbh o’n bha Oisean nan caomh dhàn ’s nan beusan ciuin, ’us Malaidh-mhine nan seod le cheile ann an Seallama, ’deanadh iomraidh muladach, ’us milis, air euchdan ’us gniomharan àillidh, ’us feartan malda, caoimhneil na Feinne. Ma dh’ fhaoidte nach robh àm eile ann o’n chaidh an fhoid ghorm a chur thairis air Oisean agus air a’ bhana-charaid [TD 135] [Vol. 6. No. 17. p. 7] ghasda Malaidh-mhine, ’tha co eudmhor ris an àm a tha ’nis ann as leth na Gaidhlig agus gach ni ’tha Gaidhealach agus airidh air meas, ’us gradh, ’us greadhnachas fhaotuinn bho na Gaidheil ann an tir an fhraoich agus ann an tirean iomallach an t-saoghail, oir ciod e an cearna anns nach eil na Gaidheil a’ tuineachadh agus a’ deanamh moran maith. Tha ’Ghaidhlig co laidir, reachdmhor, agus buinidh dhi buaidhean co eireachdail, ’us co treun, air chor ’s nam bitheadh sgoilearan le inntinnean geura, ’toirt aire dhi, bhitheadh aice an diugh, moran leabhraichean, moran ionnsachaidh, agus aite ard, measail, am measg canainean an t-saoghail gu leir. Tha luchd-leughaidh MHIC-TALLA ’faotuinn fios gach bliadhna mu na Mhod a’ chuir Gaidheil thapaidh, ard-inntinneach, fhoghluimte, air chois bho cheann sea bliadhna. Tha aig na Cymri (Welsh) bho cheann iomadh linn cruinneachadh airson an canain ’s abhaistean, an daoine ’s an dùthcha ’chumail suas, ann an doigh ainmeil, sheasmhach, onorach. Is e Eisteddfod an t-ainm a tha ’n comunn so ’giulan. Tha e ’nis air a ghleidheadh gach bliadhna. Tha na Cuimrich mar so ro-dhileas d’ an canain fein, agus do gach eachdruidh ’us abhaist a tha measail, ciatach mu dheibhinn nan daoine bho ’n tainig iad agus a bha geamnaidh, mor-chridheach anns na laithean a dh’ aom. Tha leabhraichean-lann aca anns am bheil moran eolais ’us bardachd ’nan canain reachdmhor fein. Is e ceatharnaich ghasda ’tha anns na Cuimrich. Tha iad lionmhor ann am bailtean mora Shasuinn, agus le dichioll ’us le neart cuirp ’us inntinn, tha iad a soirbheachadh gu math. Tha baigh bhlath daonnan aca d’ an dùthaich fein agus do na duaisean luachmhor a tha air an tabhairt doibhsan a’s modha cliu, ’us eolas, ’us treise foghlum ’us inntinn, anns gach rann ’us rosg, anns gach ceol ’us buadh, a tha measail ann am beachd ’s ann an sgeula aosmhor nan Cuimreach. Mar tha MAC-TALLA ’cur an ceill le gairdeachas, tha ’m Mod Gaidhealach a’ trusadh cairdeis gasda, bho na Gaidheil uasal ’us iosal aig am bheil speis cheart do gach ni ionmholta ’rinn na Gaidheil riamh do gach bardachd mhilis, ghrinn, a bha taitneach leo; ’us do gach feart inntinn, ’us piob-mhoir, ’us clarsaich air am bheil meas ’us gradh gu dligheach aca. Is e Inbhirnis, baile-mor nan Gaidheal agus na Gaidhlig an diugh, ged tha ’n t-Oban a’ deanadh oidheirp ghaisgeil airson a’ cheud aite ’shealbhachadh anns a’ Ghaidhealtachd uile. Is e ’a Gaidheal grinn, foghluimte, am Frisealach Mac-an-Toisich, a tha ’na cheann-suidhe air a’ Mhod air a’ bhliadhna so. Anns an stri ard, urramach, a tha ’m Mod le dhuaisean, a’ dusgadh suas ann an cridheachan nan Gaidheal, tha àrd, ’us iosal, baird ’us luchd-ciuil, ’us ministeirean an t-soisgeil mar an ceudna, le sgairt, ’us gaisge, ’s dùrachd shonruichte, a nochdadh cia co mor ’us maith a tha ’m muirn ’s an gradh do na laoch bho ’n tainig iad le ’n canain liath, bhlasda. Gun dragh air bith faodaidh sinn a bhi ’creidsinn gu b’ fhearr gu robh am Mod air a shuidheachadh bho cheann iomadh bliadhna. Bitheamaid toilichte gu bheil e ’nis ann, agus gu bheil e eadhon ann an laithean oige ’fas gu laidir, fallain, gu bheil snuadh àillidh na slainte ’s na h-uaisle air a ghnuis; gu bheil maithean Albuinn dileas air a chul, agus gu bheil euchdan cheana air an deanamh leis, a tha ’tabhairt tlachd, ’us misnich, ’us toileachais, do na Gaidheil a tha fada bho thir nam beann, agus a tha taingeil do MHAC-TALLA airson gach eolais a tha e ’tabhairt seachad mu ’n Mhod ’us mu gach gniomh ’us eud a tha na Gaidheil a’ deanamh as leth an canain ’s an dùthcha. CONA. Laoidh. Feuchaibh, ’naoimh, tha ’n sealladh glòrmhor Faicibh Fear-a’-bhròin ’s na tàir’, Tigh’nn air ais o ’n chath le mhòrachd; Theid gach glùn da sios gu làr; Crùnaibh, crùnaibh, Crùnaibh gaisgeach mor nam blàr! Aingle, crùnaibh Criosd, an Slàn’ghear! ’S mor a chobhartach ’s a bhuaidh; Glòir is cumhachd thugaibh dhàsan, ’S biodh a chliù gu h-àrd ga luaidh; Crùnaibh, crùnaibh, Crùnaibh Iosa, Righ nam buadh! Naimhdean rinn, le crùn ’s le smugaid, Fanoid air Messiah caomh; Nis tha ainglean ’s naoimh na chuideachd, A’ toirt cliù d’ a ainm ro naomh; Crùnaibh, crùnaibh, ’S cuiribh mach a chliù gach taobh! Cluinnibh a’ bhuaidh-chaithream àghmhor! Iolach àrd gun sgur, gun sgios! Criosd ga chrùnadh anns na h-àrdaibh, Coimeas da cha robh ’s cha bhi! Crùnaibh, crùnaibh Triath nan Triath, is Righ nan Righ. Am MAC-TALLA gu deireadh na bliadhna 1898 air son dolair. Cuir dolair ’ga iarraidh gun dàil. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac GILLEAIN DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 136] [Vol. 6. No. 17. p. 8] Iorram na h-Imrich Chuain. [Chaidh na rainn dhrùidhteach so a chur r’a chéile, bho chionn timchioll air da bhliadhn’ deug air fhichead, leis an Urramach D. Mac Rath, an sgireachd Nis, ann an Leòdhas, air do àireamh mhor de ’n choimhthional aige—agus ’n am measg a’ chuid a b’ urramaiche de na seanairean, d’ an robh mor spéis aige—’bhi air dol air imrich do Chanada.] Chaidh sinne gu tràigh, A choimheadachd chaich: Cha till iad gu bràth, An taobh so! Long iaruinn fo ’m bonn,— A’ sadradh nan tonn: Tha feadhainn am fonn, ’S cuid tursach. Clann bheaga ri gàir’; A’ mhathair fo phramh; Fir mhor’ ann an sas ’S iad ciurrta, ’Fras-shileadh nan deur Gu tosdach, ach geur; A’ sealltainn ’n an déigh, Le curam. Iad fein ’dol an iar, ’S an talamh ’dol siar; Cha ’n fhaicear leo sion Ach Mùirneag. Seall! Mùirneag ’dol uap’ ’Dol fodha ’s a’ chuan; Fir a’s mnathaibh gun tuar, ’G a h-ionndrainn. Ionndrainn eil’ ac’ ma ta, ’Toirt cridh’ goirt agus cnamh, Luchd an gaoil a’s an dàimh, ’Toirt cul doibh. Dh’ fhag sud iad ’n an déigh, Ni nach fagar ’s nach treig, Comunn blath latha Dhé ’S a’ chùbaid. Mu ’n tric ’chruinnich an sluagh, A Shàbaid ’s a Luain, Le mor aire ’s cluas, Do ’n sgeula. Leigeam seachad an dan; ’S deanam urnuigh a ghnath, Gu ’n ruig iad cala a’s fearr Na Quebec! Beir an t-soraidh so uam, Gu America Tuath, Thun caoirich a’s sluagh Mo churam. ’N deadh Bhuachaill’ e fein, Biodh rompa ’s ’n an déigh Gu ’n dion o gach beud:— Sin m’ urnuigh. Cumha Air Eobhan Mac Lachluinn, am filidh Abrach, Fear-riaghlaidh sgoil nan Cànan ann am baile seann Abareadhain; a dh’ éug ann an tréine a làithean, agus an àirde a bhiùthais, ’s a’ bhliadhna 1822. Leis an Urramach an t-Olla Mac-an-t-Saoir, nach maireann, Aodhaire Chill-Math-Niobhaig. ’S mi siubhal fo dhubhar a’ Mhìll Tha ’sgàileadh nan Cill so shuas, Tha m’ aigne trom osnachail tìom, ’S mo shòlas cha till ri luaths. Tha mulad, tha mulad ’g am chràdh, Bho ’n chaireadh tu ’a tàmh nan leac, A-chaoimhich ’bu dealasaich gràdh, Mhic Lachluinn nan dàn lan beachd! Mo chreach! ged a’ b’ òrdhearc do ghnàs, Ge b’ iomadach d’ aireamh bhuadh, Gu ’m b’ éudar dhut strìochdadh do ’n bhàs, ’Us laidhe ’n caol-thamh na h-uaigh. Mo leòn gu ’n do striochd thu cho tràth! Mo bhron gu ’n do thàmh cho luath! Dh’ fhag so sinn fo airteal ’s fo phràmh ’S fo smalan ’s an Airde tuath. Gu ’n d’ thug thu lom-sgrìob oirnn, a bhàis, A dh’ fhag sinn gu cràiteach, bochd, Ar n-ùr-choill, an àilleachd a fàis. A rùsgadh bho bhàrr gu stoc! Gu ’n d’ fhag thu Lochabar fo bhron Cha leighis ar leon ri luaths; Gur geur so a chneidh a laidh oirnn Bho ’n mheath thu ar dòchas bhuainn! Gu ’n spùinn thu bhuainn tuigsear nan téud, A rianadh an t-séis le doigh; Ard-iùlair na fileachd ’s gach séud Bha ’n ealaidh na Gréig ’n na Ròimh. Fear-eòlais gach, cainnte measg sluaigh; Sàr thuigsear gach buaidh fo ’n ghréin; Sàr ghliocair gach rùnachd tha shuas Feadh chian-imeachd cuairt nan speur, An t-Abrach, Mac Lachluinn nan dàn, An Gaidheal is airde cliu: A bha de gach nàisinneachd làn ’S a dh’ fhòghlum gach gnàs a b’ fhiù. Bu mhilis do chomhradh ’s do cheòl, ’S gu ’m b’ fhileanta gloir do bhéil; Co nis chuireas ranntachd air seol, Mo nuar! bho ’n nach beò thu féin? Tha filidh nan aimsir gun lùth, Air breothadh ’s an ùir bho chian; Cha dearrs gath na gréin’ air a shùil, ’S tha spiorad a chiùil gun mhiann. Thig earrach, thig samhradh mu ’n cuairt, ’S thig foghar nan sguab ’n an déigh, Thig geamhradh, le ’ghailbhinnean fuar,— Ach co ’rannas duan g’ an seinn? Ach, nochdaidh an t-earrach, ’n a thrà, Gu ’m beil e am baigh do ’n t-seod, Oir sgaoilidh e ’ghorm-fhalluinn àidh Gu driùchdach, trom, tlàth, air ’fhoid. ’S an samhradh, le dhìtheanan snuagh, Ni cionthar mu bhruaich do theach; ’S ’n a dhéigh, thig am foghar, fo ghruaim A sgeadachadh d’ uaigh le dreach. ’S ge colgach, neo-bhàigheil, dubh-ghruaim A gheamhraidh neo-thruacant’, ghnùth, Gu ’n siubhail e ’g osnaich mu d’ thuam, A’ sileadh nam fuar-fhras dlùth. Tha mulad, tha mulad ’g am chràdh, Bho ’n chàireadh tu ’n tàmh nan leac, A chaoimhich ’bu dealasaich gràdh, Mhic Lachluinn nan dàn lan beachd. AN DA LEIGHEAS AGUS K. D. C. PILLS Leigsidh iad an da Eucail Mhor CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD. Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais. K. D. C. COMPANY, Ltd., New Glasgow, Nobha Scotia.—agus—127 State St Boston, Mass. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar duthcha tha ’nar beachd. NIALL Mac FHEARGHAIS, Taillear. SIDNI - - - - C. B $1.00 air 80c. Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus FAIGH BARGAN. McDonald Hanrahan & Co. Sidni, Iulaidh 16, ’97. FLUR AGUS MIN direach as na muillnean. (Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.) TI, SIUCAR, TOMBACA, etc. Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID. ALASDAIR MARTUINN. Sidni, C. B., Sept. 1, 1897. [TD 137] [Vol. 6. No. 18. p. 1] MAC-TALLA. AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 29 OCTOBER, 1897. No. 18. Freagairt. DO BHARBARA C LEITCH. A mhaighdean ainmeil gur duilich searbh leam, Cho buileach doirbh ’sa tha d’ ainm ri inns’ ’Sa chanain Ghàilig bha aig mo mhàthair, ’S le ’n deach mo thàladh ’s mi air a chìch; A chanain àluin, gur mor mo ghràdh dhi, Cha ghabh mi nàir dhi ri fad mo linn. Bha i ’sa ghàradh roimh thighinn Adhamh ’S bidh i gu bràth ann gu’n teirig tìm. Gach focal riamh de ’n a chànain bhragh ud Bhi lan do sgiolt agus lan do bhrigh, Cha ghabh i fiaradh no cur far riaghailt Gu ni a chiallachadh nach eil innt’. Am moran chànain nach feud mi àireamh Tha focail àraidh is seadh ’g an dìth, Am measg an àireamh (na gabh mar thàmailt e) Gheibh sibh “Barbara,” ’s “Leitch,” us “C.” Cha ghabh Gàilig a chur nan àite; Feumair am fàgail aig tàmh ’us sìth, ’U gu ma slàn leat an diugh a Bhàrbara, ’S a h-uile latha nach faic ’s a chì. Iunnsaich Gàilig ’s MAC-TALLA làn-dhi, ’S na biodh àireamh dheth ga do dhìth. An gille còir ’tha ’ga chur an clò dhuinn Is Gaidheal bòidheach e ’tha gun mhnaoi. S. M. G. October 22, 1897. Litir a Connecticut. A CHARAID:—’S fhada bho’n a bha duil agam sgriobhadh a dh’ ionnsuidh a MHIC-TALLA chum gu’m faodadh e bhi taitneach le cuid de ’chuid leughadairean beagan sgeòil fhaotainn air mar a thathas a toirt an aire air an fheadhain a tha cho mi fhortanach ’s gun deach iad as an rian anns a chearn so dhe na Staidean. Anns an Staid so (Connecticut) tha tigh-caothaich, no ospidal nan daoine gòrach, air a shuidheachadh air cnoc àrd os cionn a bhaile ris an abair iad Middletown. Thatar a cumail na feodhnach a tha as an rian ann an ochd taighean air an ainmeachadh mar so:—an t-Ospidal Mor, an t-Ospidal Meadhon, an t-Ospidal Deas, agus an t Ospidal Tuath, an Taigh Mor, (Main Cottage), Taigh Hubberts, Taigh Roberts, agus Taigh Tallon. Cha’n eil anns na tri taighean mu dheireadh ach taighean mora, math, a bh’ aig na tuathanaich a bha fuireach air a chnoc so mu’n do cheannaich an Stait am fearann airson an fheum a thathas a cur air aig an àm so. Tha an talamh mu’n cuairt agus eadar na h-Ospidail so air a cumail gle bhoidheach fad an t-samhraidh. Tha garaidair iunnsaichte a toirt an aire orra fad na h-ùine, agus de chuideachadh aige na dh’ iarras e. Tha na h-Ospadail agus an taigh mor air an togail de bhrick agus clach ach an t-Ospidal Mor a tha air a thogail de chlach ruaidh ghlas gu h-iomlan. Tha an t-Ospidal Mor mu ochd ceud troigh air fad agus ceithir stòraidhean air àirde. Tha an taobh a deas dheth air son fhirionnach agus an taobh tuath airson bhoirionnach. Tha an taobh a deas dheth air a roinn na dha earrainn a thaobh fad; anns a h-uile h-earrainn tha ceithir wards fear air a h-uile stòri, a deanamh ochd wards airson fhirionnach air an taobh deas. Tha an taobh a tuath na’s fhaide agus leis a sin tha e air a roinn na thri earannan. Leis nach eil anns an earainn mu dheireadh ach da ward cha’n eil ach deich wards air an taobh a tuath. Eadar na sgiathan air gach taobh anns a bheil na wards tha taigh ris an abair iad an centre anns a bheil oifig an àrd-dhotair, agus oifig aig pairt dhe na dotairean eile; air an ath ùalar, an stòiri os cionn oifig nan dotairean, tha seòmraichean bidh nan dotairean agus pairt eile dhe’n luchd-dreuchd. Tha seomar bidh aig cuid eile dhe’n luchd-dreuchd air a cheud urlar fodh oifig nan dotairean a tha air an darna urlar. Comhla ri seomar bidh nan dotairean tha talla mor air an treas urlar air son iunnsachadh a thoirt do luchd-faire na feadhnach a tha as an rian, mar is còir dhaibh iad fein a ghiulan agus gu de a’s còir dhaibh a dheanamh ann an iomadh càs a dh’ fhaodadh tighinn mu’n coinneamh cho fad ’sa bhios iad ann an seirbheis an Ospidail, agus ma dh’ fhaoidte a bhios feumail ann an iomadh àite far a faodadh gin dhiubh a bhi ann an am sgiorradh tachairt agus gun dotair deiseil—far an sabhaileadh beagan eòlais beatha gus am biodh ùine air sgil ceart fhaighinn. Air a cheathramh ùrlar tha mnathan agus searbhantan nan dotairean a fuireach. Anns an Ospidal Mheadhon tha tri wards airson fhirionnach agus ceithir airson bhoirionnach. Tha iad so ann an sgiathan air gach taobh dhe ’n centre far am bheil oifig an dotair air am bheil an t-Ospidal so mar chùram. Tha an dotair so ’s a bhean a fuireach anns a centre ’s an Ospidal so. Tha an t-àrd-thuathanach agus pairt dhe na ban-fhuaigheachan, tri freiceadan oidhche, ochd searbhantan, an cocaire agus a bhean, agus bana-mhaighistir an taighe, uile fuireach anns an centre agus seòmar air leth aig gach aon dhiu. Tha an t-Ospidal Deas agus an t-Ospidal Tuath anns a cheart dòigh air an suidheachadh ach nach eil anns an Ospidal Dheas ach boirionnaich uile le ceithir wards air gach taobh dhe ’n centre. Tha ceithir wards air gach taobh anns an Ospidal Tuath, firionnaich air an dara taobh agus boirionnaich air an taobh eile. Thathas a togail pios ùr air gach taobh dheth a chumas tri na ceithir a chiadan eile ’nuair a bhios na piosan deas. Tha an Taigh Mor anns a cheart doigh ach nach eil dotair idir a fuireach ann agus nach eil ach aon ward air gach taobh dhe’n mheadhon. Tha dotair a dol sgriob da uair ’san latha as an Ospidal Mhor thun an Taighe Mhoir. Tha dotair an Ospidail Deas a dol da uair ’san latha gu Taigh Roberts. Tha dotair an Ospidail Mheadhon a dol gu Taigh Tallon agus dotair an Ospidail Tuath a dol gu Taigh Hubberts. Tha coig dotairean a fuireach anns an Ospidal Mhor—ochd dotairean uile fuireach anns na h-Ospidail. Eadar na taighean anns a bheil pairt de’n luchd-obair a fuireach agus na saibhlean agus a h-uil taigh-stòrach a th’ ann, ’s ann a tha an Ospidal ri fhaicinn fad as coltach ri baile mor leis fhein; ach cha’n e h-uile baile-mor anns a bheil urad sluaigh, oir tha naoidh ceud deug pearsa as a rian anns an Ospidal, agus tha an luchd-faire, na searbhantan, agus an luchd-obrach eile a deanamh còrr agus da chiad eile. Tha moran costas ann an cùram nam mi-fhortanach so dha’n dùthaich. Tha cosgais an Ospidail a tighinn gu corr agus da mhile thar fhichead dolair ($22,000) ’sa mhios, no da chiad ’s tri fichead ’s coig mile ($265,000), ’sa bhliadhna. Tha ’n t-àm agam sgur air eagal ’s gu ruig mi foighidin a chlo bhualadair ro fhada a ceartachadh na tha de mhearachdan ann an litreachadh na litir so, agus gun tilg e an darna taobh i air son lasadh na piob. Na’m biodh m’ eolas air sgriobhadh Gaidhlig cho math ri ’m dhùrachd, dheanain na b’ fhearr. Slan leibh. IAIN I. MAC RAING. Tha fathunn a’ dol mu’n cuairt am measg nam paipearan-naigheachd gu bheil Iompaire na Gearmailt uaireannan car beag as rian, agus gu dearbh ’sann ri sin fhéin a tha cuid de àmhuiltean coltach. Thatar ag radh eadhon gu bheileas a’ bruidhinn air a chur bhar na cathrach, agus a bhràthair a chur ’na àite, ach cha’n eil e coltach gu’n deanar sin an dràsda co-dhiu. [TD 138] [Vol. 6. No. 18. p. 2] A’ Ghaidhlig. COMUNN GAILIG INBHIRNIS. Is e Comunn Gaidhealach Inbhirnis an Comunn a’s modha cliu am measg gach Comuinn Gaidhealach a tha ’n diugh air an t-saoghal. Buinidh do ’n Chomunn so Gaidheil uasal, ghasda, ’tha measail orra fein, air an canain, agus air gach ni ’tha maith, urramach, agus tarbhach, ann an eachdraidh ’s ann an abhaistean nan Gaidheal bho aimsir fad air chul Tha paipearan foghluimte air an leughadh air iomadh cuspair leis na buill a bhuineas do ’n Chomunn so. Chuir an Comunn so cheana ’mach fichead leabhar anns am bheil eolas ’us sgoilearachd a tha fior thapaidh ’us taitneach air an tabhairt seachad. Tha ’n Comunn so ’tabhairt dearbhaidh gasda seachad gu bheil nithean luachmhor ’us ionnsuichte aig na Gaidheil ri aithris mu dheibhinn an canan ’s an dùthcha fein. Bha Mairi Nic Ealair ’na ban-bhard do ’n Chomunn so ré iomadh bliadhna; agus da rireadh bu taitneach, bu ghasda, ’s b’ fhonnmhor a bardachd, agus is ann di fein a b’ aithne rannan milis, boidheach, teoma, ’chur an ordugh. Tha aobhar aig gach Gaidheal thall ’s a bhos a bhi proiseil gu robh anns an linn so ban-bhard Ghaidhealach co innleachdach, morail, beusach, stuama, ri Màiri Nic Ealair. Is e Niall Mac Leoid a’s bard a nis do Chomunn Inbhirnis, agus is maith a’s aithne dha cruit-chiuil nan dàn a ghleusadh gu surdail, ’us gu binn. EACHUNN MAC ILL-LEATHUINN. Bha gun teagamh anns na linntean a tha fad’ air chul, aighear ’us coimhearsnachd fhaoilidh, eadar Gaidheil Eirinn agus Gaidheil Albuinn. Duain Ultach: is e so an t-ainm a thug Eachann Mac Ill-leathuinn do dhuain a thrus e, ’s a chuir e a mach ann an doigh phongail. Is e Gaidheal Ileach foghluimte, agus sar-sgoileir eireachdail a bh’ ann am Mac Ill-leathuinn. Anns na Duain Ultach, (The Ulternan Ballads), a dheasuich e, ann am Beurla ’s an Gaidhlig, nochd e moran eolais ’us dichill, agus thug e moran tlachd do gach neach aig am bheil meas air na duain a bu nos do na seana Ghaidheil a bhi ’seinn o chein. An uair a chaochail an sgoilear malda, geur, dichiollach so, rinn na h-Ilich moran caoidh thairis air, agus thog iad, clach-chuimhne shnasmhor a bheir ainm ’us beusan an sgoilear so sios do na ginealaich a tha ri teachd. Cha ’n eil am measg nan Gaidheal an diugh Gaidheil a tha co muirneach, faoilidh, ’us dileas as leth na Gaidhlig ris na Gaidheil Ileach. ORAIN IAIN LUIM. Tha gach neach, aig am bheil speis do bhardachd nan Gaidheal eolach air ainm ’as òrain Iain Luim Mac Dhomhnuill. Is e bard geur, sgeigeil sgairteil, sgathach, a bha ann. Bha comas iongantach aige air tamailt a’ charadh air gach namhaid aig an robh danadas air a ghuth a thogail no air a lamh a shineadh an aghaidh Righ Tearlach II. B’ abhaist do dhaoine ’bhi ’g radh gur e bard Laibhrichte Thearlaich a bha an Iain Lom. Tha Iain Lom a’ dearbhadh gu soilleir gu bheil anns a’ Ghaidhlig briathran a tha geur, cruaidh, tamailteach, spideil, airson daoine ’chaineadh, agus deuchainn ghuineach a thabhairt do gach eascaraid, ’us namhaid, ’us do gach neach leis an aill do neach eile cron a dheanamh agus oilbheum dhruighteach a thabhairt. Thrus an t-Urramach Mac Ill-leathuin Mac na Ceardadh, orain Iain Luim, agus chuir e mach iad ann an doigh mhaith. Tha luchd-leughaidh MHIC-TALLA gle eolach air Mac na Ceardadh ’s air gach seirbhis laidir, ionnsuichte, rinn e cheana ’s a tha e deanamh fathast airson na Gaidhlig. Tha e ’sgriobhadh mar so, “Beannachd leat Iain Luim, chuir mise d’ orain a mach cho maith ’s cho ceart ’s a b’ urrainn mi. Tha mi an dochas gu tig aon eiginn am dheigh a ni na ’s fearr.” “LYRA CELTICA.” Thainig a mach an uiridh leabhar beag, tlachdmhor, an Lyra Celtica. Is e bean-uasal phongail d’ an ainm Sharp, a dheasuich an leabhar so. Tha duain ’us orain anns an leabhar so ’tha air an tarruing as gach canain a tha air a labhairt no bha air a labhairt leis gach meanglan de theaghlach farsuing nan Gaidheal no nan Ceilteach, ann an Eirinn, ann an Albuinn, ann an Sasunn, anns an Eilean Mhainnineach, agus ann am Breatuinnidh anns an Fhraing. Chitear gu furasda cia co aillidh ’s a tha ’s a bha smuaintean nan bard Ceilteach, agus cia co comasach ’s a bha iad air conaltradh dluth cairdeil, caomh, a chumail ri seallaidhean boidheach, iomadach naduir fein, ri faireachduinnean diomhair, ’us ri ceud-fathann an cridheachan fein, ’us ri gach gniomh, ’us beachd, ’us abhaist a bha maith annta fein, agus a tha measail, muirneach ann an inntinn ’s ann an cleachdainnean nan sinnsir calma, duineil, cruadalach bho’n tainig iad fein. Faodar a radh nach ruig an Lyra Celtica naire ’bhi air an uair a bhitheas coimeas air a tharruing eadar a’ dhuain ’us orain, agus duain ’us orain nan Sasunnach, ’s nam Frangach, no fine air bith eile. CONA. SGEULACHDAN ARABIANACH. VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE. CAIB. XVIII. Labhair te dhiubh agus thuirt i, “Is clann righrean sinn uile, agus tha sinn a’ caitheamh ar beatha direach mar a chunnaic tu; ach an ceann gach bliadhna feumaidh sinn falbh a so, agus a bhith da fhichead latha air falbh air cheann gnothaich ro shonraichte a bhuineas dhuinn fhein, ach a dh’ fheumas sinn a chumail an cleith air gach neach eile. Agus an uair a theid an da fhichead latha seachad, tha sinn a’ tilleadh air ais do’n chaisteal so. B’ e ’n de an latha mu dheireadh de’n bhliadhna, agus feumaidh sinn a bhith a falbh an diugh. Ach mu ’m falbh sinn tha sinn a fàgail iuchraichean a’ chaisteil gu leir agadsa. Agus a chum an uine a chur seachad, faodaidh tusa a h-uile dorus a tha anns a chaisteal fhosgladh, ach an dorus oir. Tha moran de nithean anabarrach iongantach anns a chaisteal, agus anns na garaidhean a tha mu’n cuairt air, agus ma ghabhas tu beachd orra theid moran de ’n uine seachad gun fhios dhut. Ach air na chunnaic thu riamh na fosgail an dorus oir; ma dh’ fhosglas tu e, cha’n fhaic thu sinne gu brath tuilleadh; agus a bharrachd air sin, cuiridh tu thu-fhein ann an an croisean a bhios ’g ad leantuinn ri do bheo-shaoghail. Air an aobhar sin thoir do cheart aire nach bi thu cho amaideach ’s gu ’m bi thu ’g iarraidh fios fhaotainn air ni sam bith a th’ air a chumail am falach ort, agus mach buin duit. Tha sinn uile ann an dochas gu ’n dean thu mar a tha sinn ag iarraidh ort, agus gu ’m bi thu an so romhainn an uair a thilleas sinn an ceann da fhichead latha. Dh’ fhaodamaid iuchair an doruis oir a thoirt loinn; ach bhiodh e na thamailt do phrionnsa mar a tha thusa a bhith fo amhrus nach rachadh agad air an dorus oir fhagail duinte gus an tilleamaid. Chuir na briathran so a labhair a’ bhean-uasal dragh mor air m’ inntinn. Thuirt mi gu’n robh mi anabarrach duilich a chionn gu robh iad a falbh. Thug mi moran taing dhaibh air son an deagh chomhairle a thug iad orm, agus rinn mi lan-chinnteach iad, gu ’n leanainn i, agus gu ’n deanainn moran a bharrachd air na dh’ iarr iad orm a chum gu ’m biodh de thoileachadh agam na bha romham dhe m’ bheatha a chur seachad ’nan cuideachd. An uair a dh’ fhag iad slan agam, agus sinn taobh air thaobh gle mhuladach dh’ fhalbh iad, agus dh’ fhag iad mise ’nam onar anns a’ chaisteal. Bha iad cho taitneach ’s ceo geanail ’s cho cridheil ’s cho ceolmhor fad na bliadhna ’s nuch do smaoinich mi riamh air am beachd, bu lugha ’ghabhail air na nithean iongantach a bha ri ’n faicinn araon anns a chaisteal agus mu’n cuairt dha. Bha m’ aire air a togail gu buileach leis gach ni tlachdmhor a bha annta, agus leis a h-uile doigh anns an robh iad, o latha gu latha, ’frithealadh agus a’ nochdadh caoimhneis dhomh, agus ged nach robh iad gus a bhith air falbh ach an da fhichead latha bu bhliadhna leam gach latha gus an tilleadh iad. Thuirt mi rium fhein nach dichuimhnichinn air chor sam bith a’ chomhairle a thug iad orm gun an dorus oir ’fhosgladh. Ach o ’n a bha cead agam a h-uile dorus eile ’fhosgladh, dh’ fhosgail, mi a cheud dhorus. An uair a chaidh mi ’steach, thainig mi do, gharadh mheasan, agus tha mi ’creidsinn nach robh a leithid air uachdar an t-saoghail. Bha h-uile seorsa meas a bha cinntinn anns an talamh a fas ann, agus bha na craobhan gu leir air an suidheachadh ann an ordugh cho maiseach ’s a ghabhadh deanmah. Bha [TD 139] [Vol. 6. No. 18. p. 3] gach aon diubh a toirt toraidh am mach ann am pailteas. Cha’n fhaca mi sealladh riamh cho briagha ris. Bha’n garadh so air uisgeachadh mar nach fhaca mi garadh riamh roimhe no na dheigh. Bha sruthain uisge a ruith a null ’s a nall air feadh a’ gharaidh air a leithid de dhoigh ’s gu ’n robh gach craobh a’ faotainn na bha feumail dhi aig gach am de ’n uisge, agus air an aobhar sin, bha maise is toradh nach gabh innseadh air gach ni a bha fas ann. Bha cuid dhe na craobhan luchdaichte le toradh a bha lan abuich; bha cuid eile dhiubh a bha dluth air a bha abuich; bha cuid fo bhlath, agus bha cuid fo dhuilich urar, gorm. Is gann gu’m b’ urrainn domh fas sgith a bhith ’g amharc air a’ gharadh mhaiseach so; agus mur b’e ’n toil a bh’ agam na dorsan eile ’fhosgladh, is docha gu’n robh mi air a chuid bu mho de’n uine a chur seachad ann. An uair a chaidh mi ’mach agus a dhuin mi ’n dorus, dh’ fhosgail mi ’n dorus a b’ fhaisge dha. B’ e garadh dhithean a bha ’n so. Bha e pailt cho maiseach ’s cho ordail anns gach doigh ris a gharadh anns an robh mi roimhe sin. Bha gach seorsa dithean air an t-saoghal a’ fas ann. Bha rathaidean leithinn, boidheach, grinn, glan, air fheadh; agus eadar na rathaidean so bha ditheanan a’ fas ann an leapannan dhe gach cumadh agus meudachd. Bha aireamh mhor de phoitean dhithean ann mar an ceudna anns an robh na ditheanan a b’ aille air am b’ urrainn suil duine amharc; agus bha faileadh anabarrach cubhraidh air feadh a gharaidh gu leir. Bha e air uisgeachadh le sruthain bhoidheach de dh’ uisge fiorghlan mar a bha ’n garadh eile. An uair a chuir ni seachad greis mhath de ’n uine ’coiseachd air ’fheadh agus a gabhail beachd air a liuthad ni maiseach a bha ri ’m faicinn ann, chaidh mi ’mach agus dhuin mi ’n dorus. Dh’ fhosgail mi an treas dorus, agus bha ’n sin taigh-eun a bha mor, farsuinn, anns an robh urlar de chloich mharmoir de na h-uile seorsa dath is cumaidh. Cha robh eun bu cheolmhoire ’s bu mhaisiche fo ’n ghrein nach robh ann. Bha cuid dhiubh ag itealaich a null agus a nall air fheadh, agus bha cuid eile dhiubh ann an ceisean ro bhoidheach far an robh biadh is deoch gu leor aca ann an soithichean a bha ro luachmhor. Ged a bha ’n taigh-eun so mor, bha e anabarrach grinn, glan air a chumail, mar a bha ’n da gharadh anns an robh mi. Ged a bhiodh ceud pearsa ’g an cumail glan, dh’ fhoghnadh dhaibh a bhith cho glan ’s a bha iad. Ach cha robh duine ri ’fhaicinn ann an aon seach aon dhiubh. An uair a chaidh a’ ghrian fodha dhuin mi ’n dorus agus chaidh mi do m’ sheomar fhein. Bha mi suidhichte gu ’m fosglainn gach aon de na dorsan eile, ach an dorus òir. An la-iar-na-mhaireach dh’ fhosgnil mi an ceathramh dorus, agus ma chuir na chunnaic mi an latha roimhe sin ioghnadh orm bu mho gu mor a bha dh’ ioghnadh orm an uair a chunnaic mi an sealladh a bha romham. An uair a chaidh mi ’steach air an dorus so thainig mi do chuirt a bh’ air a cuartachadh le aitreimh mhoir, mhaisich air nach ’eil e ’n comas dhomh mion-chunntais a thabhairt. Air an aitreimh so bha da fhichead dorus, agus gach aon dhiubh fosgailte. Anns a’ cheud sheomar bha torran de neamhnaidean a bha anabarrach mor; anns an dara seomar bha daoimein agus iomadh seorse de chlachan luachmhor eile; agus gu sgeula goirid a dheanamh dheth, bha na seomraichean eile lan de dh’ or ’s de dh’ airgiod, agus dhe gach ni eile a’s luachmhoire a th’ anns a’ chruthachadh gu leir. Chuir na chunnaic mi a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s gun dubhairt mi, “Ged a bhiodh ionmhas righrean na talmhainn cruinn, cothrom, comhladh ann an aon aite, cha bhiodh uiread so ann. Nach bu mhi an ceann fortanach an uair a fhuair mi coir air an ionmhas maille ris na h-uiread de mhnathan-uaisle a tha cho maiseach ’s cho tlachdmhor anns gach doigh.” Ged a dh’ innsinn dhiubh mu gach ni eile a chunnaic mi, cha deanainn ach bhur sarachadh ’n ’ur foighidinn. Ach faodaidh mi radh gun do chuir mi seachad naoi latha deug ar fhichead a’ fosgladh nan dorsan, agus a’ gabhail beachd air na nithean iongantach a bha mi ’faicinn. Ach gus a sin cha d’ fhosgail mi an dorus oir. Mu dheireadh thainig an da fhicheadamh latha—an latha air an robh na mnathan-uaisle gu tighinn, agus nan do chuir mi stamhnadh orm fhein mar bu choir dhomh a dheanamh, bu mhi an diugh an duine bu shona a th’ air an t-saoghal; ach is mi nis duine cho mi-fhortanach ’s a tha beo. Bha iad gu tighinn an uine ghoirid, agus bu choir do ’n toileachadh a bha orm ri ’m faicinn a bhith air mo chumail o dheanamh an ni a thoirmisg iad dhomh a dheanamh. Ach leis an amadeis a fhuair greim orm, rinn mi ni air son am bi aithreachas orm gu latha mo bhais. Chaidh mi thun an doruis, agus an deigh dhomh an iuchair a chur anns an toll, bha mi greis eadar dha chomhairle ciod a dheanainn. Uair a theirinn rium fhein gu ’m bu choir dhomh an dorus fhosgladh, agus da uair a theirinn nach bu choir. Ach bha mi air mo bhrosnachadh le droch spiorad eiginn a chum easumhlachd a thoirt do ’n aithne a thugadh dhomh, agus anns an droch uair chuir mi car ’s an iuchair ’s dh’ fhosgail mi an dorus. An uair a bha mi ’ga fhosgladh, bha mi ’g radh rium fhein nach beanainn do ni sam bith a chithinn ann, agus mar sin nach fhaigheadh neach sam bith am mach gu brath gu ’n d’ fhosgail mi e. Cha bu luaithe a dh’ fhosgail mi e na dh’ fhairich mi faileadh laidir a’ tighinn m’ am shroin; agus ged nach robh am faileadh mi-thaitneach, gidheadh thug e orm fannachadh. An uine ghoirid chaidh mi na b’ fhearr; ach an aite rabhadh a ghabhail agus an dorus a dhunadh mar bu choir dhomh, is ann a ghabh mi steach. Thainig mi gu stabull mor anns an robh moran de luibhean deadh-fhailidh air an sgapadh air feadh an urlair. Bha ’n stabull so lan soluis; oir bha moran de choinnlean ceirach ann an coinnlearan oir, agus moran chruisgeanan anns an robh oladh deadh-fhailidh laiste. Ged a bha iomadh ni iongantach anns an stabull so, b’e an ni a tharruinn m’ aire gu sonraichte, steud-each dubh cho mor ’s cho briagha ’s a chunnaic mi riamh. An uair a chaidh mi na bu dluithe dha gus beachd ceart a ghabhail air, thug mi ’n aire gu ’n robh diallaid oir air, agus srian oir ’na cheann. Bha siol eorna air a dheadh ghlanadh agus uisge fiorghlan air a bheulaobh anns an fhrasaich. Choisich mi ceum na bu dluithe dha, agus rug mi air an t-srein, agus thug mi ’mach as an stabull e a chum gu ’m faicinn na b’ fhearr e ri solus an latha. Chaidh mi air a mhuin, ach cha ghluaiseadh e a ionaid nam bonn. Bhuail mi buille mhath air le slataig a fhuair mi anns an stabull. Cha bu luaithe a bhuail mi e na thoisich e ri sitrich cho uamhusach ’s gu ’n do chuir e ’n cridhe air chrith agam leis an eagal. Ged nach tug mi ’n aire dhaibh an toiseach, bha da sgeith air. Sgaoil e iad, agus dh’ fhalbh e air iteig do ’n iarmailt agus mise air a mhuin. Mu ’n do tharr mi sealtainn ugam no uam bha e cho ard ’s gu ’n do chaill mi seallaidh air gach ni a bh’ air an talamh. Ghreimich mi ris cho math ’s a b’ urrainn domh; oir bha eagal orm a h-uile tiotadh gu ’n tuitinn bhar a mhuin. An ceann greise thainig e nuas thun na talmhainn aig beulaobh caisteil mhoir, agus mu ’n gann a bhuail a chasan an talamh thilg e bhar a mhuin mi, agus le buille dhe ’earball, chuir e asam an t-suil dheas. An uair a chaill mi mo shuil, thoisich mi ri cuimhneachadh air na thuirt an deichnear dhaoine oga rium. Anns an am dh’ fhalbh an t-each as mo shealladh. Dh’ eirich mi, agus mi fo thrioblaid mhoir air son a’ mhi-fhortain a thug mi orm fhein, Bha mi greis a’ coiseachd air beulaobh a’ chaisteil, mo lamh air mo shuil ’s mi ’fulang craidh mhoir. Mu dheireadh chaidh mi steach do ’n chaisteal, agus an uair a chunnaic mi an seomar, agus na deich langsaidean mu ’n cuairt ris a’ bhalla, dh’ aithnich mi gur ann a bha mi ’s an aite ’s an robh mi mu ’n d’ thug an roc leatha mi. Cha robh an deichnear dhaoin’ oga ’staigh anns an am, ach thainig iad a steach ann an uine ghoirid. Cha do ghabh iad ioghnadh sam bith an uair a chunnaic iad mi, no idir a chionn gu ’n robh mi air leith shuil. Thuirt iad, “Cha ’n eil sinn a radh gu ’m bheil sinn toilichte d’ fhaicinn anns an t-suidheachadh anns am bheil thu; ach cha ’n eil coire sam bith ri’ chur oirnn air son a’ mhi-fhortain a thainig ort.” “Cha bhiodh e ceart dhomhsa,” arsa mise, “coire sam bith a chur oirbh; oir thainig am mi-fhortan so orm le mo choire fhein, agus (Air a leantuinn air taobh 142.) [TD 140] [Vol. 6. No. 18. p. 4] MAC-TALLA. A PHRIS. Bliadhna, . . . $1.00 Sia miosan, . . . .50 Tri miosan, . . . .25 Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna. Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. G. MacKINNON, Publisher ‘Mac-Talla,’ Sydney, Cape Breton SIDNI, OCTOBER 29, 1897. Chaochail duin’ ainmeil ann am Portland, an Stait Maine, o chionn ghoirid, an Seanalair Neal Dow. ’Se choisinn a chliù dha, agus a thug air ainm a dhol fad us farsuinn, mar a bha e ’g obrachadh riamh o làithean òige air taobh stuamachd agus an aghaidh reic agus òl deoch-làidir. Tre obair-san chaidh lagh a dheanamh le pàrlamaid na stàite a’ deanamh reic stuth làidir dhe gach seòrsa mi-laghail, agus ged nach deach an lagh sin a chumail no chur an gniomh cho math ’sa dh’ fhaodte, gidheadh is lagh e a rinn feum mor. Bha Neal Dow ceithir fichead bliadhna ’sa tri deug a dh’ aois toiseach an earraich s’a chaidh, agus gu beagan ùine romh ’bhàs bha e cho slàn ’s cho tapaidh ’sa bha e riamh. Bhuineadh e do chomunn nan Càirdean, no mar a’s trice, theirear riutha na Quakers. Bha e na sheanalair-airm anns a’ chogadh eadar na Stàitean Tuathach agus Deasach ’s na bliadhnaichean 1861-’65. Bha e ’na dhuine onarach ceart, air an robh mor mheas anns gach àite. Fhuaireadh fear Tomas Buckley, tuathanach a bha fuireach faisg air Kentville, N. S., marbh na thigh fhéin ’sa mhaduinn Di-satharna s’a chaidh. Bha peilear air a chur troimh ’cheann. Bhatar a deanamh a mach an toiseach gu’m b’e mhort a rinneadh, ach an deigh gach ceasnachadh us rannsachadh a dheanamh mu’n chùis, tha daoine dhe’n bheachd gu’m bi a lamh fhéin a chuir crioch air. ’Si daga bh’ aige fhéin a fhuaireadh ri taobh a chuirp. Thatar ag radh gu robh ’n cansair ’sa bheul aige, ’sgun do dh’ fhuiling e cràdh mor ga ghearradh as o chionn ghoirid, agus tha fear de nàbuidhean ag innse gu’n d’ thuirt e gu’m b’fhearr leis am bàs fhulang ’na dhol troimh a leithid a rithist. Thatar ag radh cuideachd gu robh meur de ’n chaothach a ruith anns an teaghlach. Chaochail Sir Iain Orde, uachdaran Uidhist a’ chinn a Tuath, air an dara latha deug dhe’n mhios so. Bha e tinn o chionn treis a dh’ ùine, ach cha robh dùil ri ’bhàs idir. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Bha e ’na dhuine a bha gle làidir ’na bharail fhéin, agus cha’n e ’n cliù a b’ fhearr a bhiodh cuid de na paipearan-naigheachd Gàidhealach a toirt air. A reir an sgeoil-san, bha e anabarrach cruaidh air na croitearan ’s air an tuath bhig a bh’ air a chuid fearainn. Bha e pòsda da uair, agus dh’ fhàg e triùir mhac agus triùir nighean. Cha bu Ghàidheal idir e; thainig an teaghlach d’ am buineadh e á ceann a tuath Shasuinn. Tha sinn an dòchas gu’n dean na Gàidheil anns gach àite an dichioll air son cuideachadh le MAC-TALLA eadar so ris deireadh na bliadhna. Tha toil againn àireamh mhor de luchd-gabhail ùr fhaotainn, agus tha e comasach d’ ar luchd-leughaidh sin a dheanamh. Ma chuireas gach neach a tha gabhail a’ phaipeir dha fhéin ugainn ainm agus dolair aon de nàbuidhean nach eil ’ga ghabhail, bidh àireamh an luchd-gabhail air a dublachadh. So, mata, deanadh gach neach a dhichioll, agus na biodh aig Gall no eile ri radh gu bheil dith no deireas air an aon phaipear a tha feuchainn ri bhi ’cumail suas cànain nan Gàidheal. Thainig litir ugainn air an t-seachdain so bho ar deagh charaid “Iain” ag innse mar a bha cùisean a’ dol leotha anns a’ Ghàidhealtachd o’n fhuair sinn fios uaithe roimhe. Tha sinn duilich gu robh an litir ro anmoch air son na h-àireamh so, ach gheibh i deagh àite air an t-seachdain s'a tighinn. Cha’n eil aon dhiubhsan a tha sgriobhadh dh’ionnsuidh MHIC-TALLA a bheir barrachd riarachaidh agus toileachaidh do’n luchd-leughaidh na bheir “Iain” agus ’s math leotha bhi cluinntinn uaithe gu tric. “Gu ma fada beò e us ceò as a thaigh.” An deigh gach garg-ionnsuidh a thug Sultan na Tuirce air cur as do na Criosduidhean ann an Armenia, cha’n eil iad mile marbh fhathast. Tha air a bhliadhna so naodh ceud foghlunaich anns an oil-thigh aig Harput, air amhuinn Euphrates, oil-thigh a tha fo chùram theachdairean as na Stàitean. Mu’n do thòisich an Sultan air obair a mharbhaidh cha robh anns an oil-thigh ach sia ceud foghlumaiche. Tha bonn-cuimhneachain (medal) ri bhi air a thoirt do gach aon a tha beò dhiubhsan a dhion Canada bho na Fenianaich ’sa bhliadhna 1866, agus a chuir fodha ceannaire Riel am Manitoba ’sa bhliadhna 1870. Tha sin gle cheart. Daoine chuir iad fhéin an cunnart bàis air son an dùthcha, cha mhor an ni dhaibh a bhi air an duaisneachadh air an dòigh so. Ann an Iapan, ’s iad na mnathan an luchd-ciùil. Tha na fir ag amharc sios air an obair, agus cha ghadh iad gnothuch ris. MacCoinnich & Co. Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich, ANN AN SIDNI. Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York. Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich & Co. F. W. MORLEY, DOTAIR FRADHAIRC An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn. Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J Morley. Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha’s coir dha toghal air. Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean. Sidni, C. B. Feb. 1, ’96. C. H. HARRINGTON & CO. Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR. Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c., &c. Iad uile math ’s na prisean ceart. Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr. Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean. C. H. Harrington & Co. Sidni, C. B. H. D. MAC ILLE-MHAOIL, NYANZA, C. B. THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair. Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna. Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas:—Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC. [TD 141] [Vol. 6. No. 18. p. 5] NAIDHEACHDAN. Tha Dior-daoin, an coigeamh latha fichead de Nobhember, air a chur air leth leis an Ard-Riaghladh air son Latha Taingealachd. Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, bha fear Rob Mac Culloch, ann an Debert, N. S., air a tholladh le tarbh cho dona ’s gu ’n do chaochail e an ceann beagan mhionaidean. Chaidh fear Micheil Dalton a bhàthadh faisg air Eilean Phictou o chionn da mhios air ais; fhuaireadh a chorp o chionn ghoirid air cladach Cheap Breatunn an iar air Port Hood. Chaidh bristeadh a stigh do stor ann an Sidni Tuath oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha moran de dh’ aodaichean deante air an goid. Cha ’n eil fhios co rinn a mheairle. Chaidh muc a reic air féill ann a’ Springfield, an Illinois, o chionn ghoirid, air coig mile ’s ceud dolair ($5,100), a phris a b’ àirde chaidh a phàigheadh air muic riamh. Chaidh ceithir mile ’s tri cheud dolair ($4,300), a phàigheadh air muic eile deireadh an earraich. Bha coinneamh aig muinntir Shidni ann an talla a’ bhaile oidhche Di-luain, air son cuideachadh a chur gu muinntir Windsor. Dh’ aontaich iad mile dolair a chur g’ an ionnsuidh, agus thugadh òrdugh do luchd-dreuchd a’ bhaile an t-airgead a chur air adhart gu ’n dàil. ’S i oidhche na Sàbaid s’a tighinn Oidhche Shamhna, ach ’se ’s dòcha gu ’m bi an t-Samhainn air a’ cumail oidhche Shatharna no oidhche Luain. Tha sinn an dòchas gu ’n toir iadsan a bhios ’gan cur fhéin an céill a reir cleachdadh na Samhna, an aire nach dean iad cron no call air neach sam bith. Bha bean Iain Mhic Amhlaidh (an t-eildear), Port Morien, air chuairt ann am Boston o chionn da mhios, ag amharc air a càirdean. Tha ceithir mic dhi anns a bhaile-mhor sin a bharrachd air càirdean eile us luchd-eòlais, agus chòrd a cuairt ’nam measg rithe gle mhath. Thainig i dhachaidh Di-satharna s’a chaidh. Bha an stoirm a bh’ ann toiseach na seachdain s’a chaidh anabarrach doirbh timchioll air Newfoundland agus Labrador. Bha sia soithichean air an call air cladaichean Labrador, agus bha coignear dhaoine air am bàthadh. Bha an stoirm gle mhor mu Eilean a’ Phrionnsa cuideachd: bha sneachd agus clach-mheallain a’ sileadh, agus bha fuachd mor ann. Chaidh Alonzo Hawkesworth a thoirt gu cùirt air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair e tri miosan priosain air son rothair a ghoid, sia miosan air son stor a bhristeadh, agus sia bliadhna dhe ’n tigh-obrach air son losgadh air fear a chuireadh ’ga ghlacadh. Tha cionta no dha eile air a chur as a leth, agus bidh e air fheuchainn air an son. Faodaidh an t-olc a dhol air adhart car ùine, ach gheibh e tilleadh. Ann a’ Halifacs, air an 20mh latha dhe ’n mhios, chaochail Domhnull Stiùbhart, 46 bliadhna dh’ aois. Bha e o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ag obair air an rathad-iaruinn anns an Iar-Thuath ’s an Columbia Bhreatunnach, agus bha e ’na fhear-amhairc-thairis air an iomlan dhe ’n rathad eadar Winnipeg ’s an cuan an iar. Dh’ obraich e gu cruaidh, agus ’se sin a thug tinneas a bhàis dha. Bhrist air a shlàinte gu buileach toiseach an t-samhraidh, agus thainig e gu Halifacs, far an do chaochail e mar a dh’ ainmich sinn. Chaidh a thiodhlacadh ann am Pictou. Bu mhac e do ’n Urr. Murchadh Stiùbhart a bha ’na mhinistear anns a Bhai ’n Iar agus ann a Hogamah. Bha e ’na dhuine air an robh mor chliù agus measail aig na h-uile chuir eòlas air. Tha Sidni Tuath a toirt coig ceud dolair do mhuinntir Windsor, agus a bharrachd air sin a’ dol a thional airgeid air feadh a’ bhaile. Chaidh bail’ Austin, am Pennsylvania, a losgadh o chiann ghoirid, agus cha robh ach mu choig taighean air am fàgail. Thoisich an teine ann an lòd feoir a bhuail ann an solus. Tha na meairlich ag obair ann a’ Windsor, a’ goid gach ni air an gabh greim deanamh. Tha iad air fàs cho dalma ’s gu bheil geard shaighdearan air an cur a dhion cuid an t-sluaigh. Suas gu Di-satharna s’a chaidh, bha da mhile dheug dolair air a chur cruinn air son cuideachadh le muinntir Windsor, agus thainig roinn mhor a bharrachd a stigh air an t-seachdain so. Cuirear feum air a h-uile sgillinn a ghabhas cur cruinn. Tha baile arm an stàit Maine anns a bheil an amhach-ghoirt gle dhona, cho dona ’s nach eil e coltach gu ’n gabh casg cur oirre. Seachdain gus an Di-satharna s’a chaidh bha ceud pearsa air an leabaidh leatha, agus bha àireamh na muinntir thinn a’ sior dhol am meud. Chaidh W. C. Anslow, fear-deasachaidh paipeir-naigheachd ann an Newcastle, N. B., do ’n choille a shealgaireachd aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus cha d’ fhuaireas sgeul air uaithe sin. Bha sgioba dhaoine mach ’ga iarraidh ach cha d’ fhuair iad e, ’s cha ’n eil fhios gu de dh’ éirich dha. Cha ’n eil na h-ùbhlan ach gle ghann ann an America air a’ bhliadhna so. An uiridh bha corr us naodh fichead us ceithir mile barailte de dh’ ùbhlan air an cur gu Breatunn as na Stàitean agus á Canada; ach am bliadhna cha do chuireadh a null ach beagan a bharrachd air sia mile fichead barailte. Air a cheathramh latha deug bha tuathanach a mhuinntir Barachois, N. B., a’ dol gu Shediac. Thuit a’ chuip air, agus air dha bhi feuchainn ri ’togail thuit e as an àite-shuidhe, agus chaidh an carbad thairis air, ’ga mharbhadh air ball. B’ ainm dha Gregoire M. Boudreau; bha e da fhichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us triùir chloinne. Tha an carbad-iaruinn air sgur a ruith eadar Sidni agus na mèinnean oidhche Shatharna. Tha e coltach gu robh tuilleadh ’sa chòir de throimhe-chéile aca air na carbadan air sailleabh an òil, agus uime sin chunnaic cuideachd a’ ghuail iomchuidh stad a chur air a charbad. Bha an carbad a bhi tighinn a stigh na h-uile oidhche Shatharna a’ cur roinn mhath airgead an rathad a’ bhaile. Chaidh gille beag le Seoras McKnight, ann an Stewarton, N. B., a dh’ iarraidh a chruidh aon fheasgair air an t-seachdain s’a chaidh. Cheangail e rop ri adhaircean te dhe’n chrodh agus cheangail e an ceann eile mu mheadhoin fhéin. Theich am mart, agus shlaod i an gille leatha air an talamh, ’s nuair a thainig athair far an robh e, bha e marbh. Cha robh e ach aona bliadhn’ deug a dh’ aois. Chaidh carbad-iaruinn bhar drochaid faisg air Garrison, an stàit New York, maduinn na Sàbaid s’a chaidh, agus bha ochd duine fichead air am marbhadh no air am bathadh. Cha ’n eil fhios gu de dh’ aobharaich an sgiorradh. Bha suas ri ceud pearsa air na carbaid uile gu leir, ach bhrist na ceanglaichean a bh’ eadar na carbaid a chaidh thairis agus na tri a bh’ air deireadh, agus mar sin bha córr us tri fichead air an tearnadh. Bha an rathad air ’n do thachair so, (an N. Y. Central), air a mheas gle shàbhailte. Bha a chuid bu mhotha dhe ’n luchd-turuis ’nan cadal, agus bha an latha teannadh ri soilleireachadh. Cha do thachair a leithid de sgiorradh air an rathad ud riamh roimhe. LEABHRAICHEAN GAILIG. Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00 ’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35 Orain Iain Luim .30 Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10 Gaelic Class Book .35 Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu J. G. MACKINNON, Publisher “Mac-Talla,” Sydney, C. B. J. E. EISAN. Pianos agus Orgain. An seorsa ’s fhearr a thatar a creic. PRISEAN GLE REUSANTA. SIDNI, - - C. B. BADDECK, - - C. B. Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha Albert I. Hart a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’san New York. Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an DEAGH RIARACHADH. BADDECK, - - C. B. BATHAR UR. Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5.00. Brogan matha saor. Ti mhath mar a b’abhaist. Beagan de Cheannachd Thioram. Olla 25c. an galan; 5 galain air $1.00. NIALL DOMHNULLACH, BADDECK, - - C. B. [TD 142] [Vol. 6. No. 18. p. 6] (Air a leantuiun o thaobh 139.) cha b’ ann le coire neach sam bith eile.” “Ma tha e ’na aobhar toileachaidh do dhaoine air an d’ thainig mi-fhortan companaich a bhith aca, dh’ fhaodamaid toileachadh a bhith oirnn. Thachair a’ cheart ni dhuinne ’s a thachair dhutsa. Bhlais sinn air gach seorsa soluais fad bliadhna iomalan; agus dh’ fhaodadh a’ cheart sholas a bhith againn gus an latha ’n diugh mur b’e gu ’n d’ fhosgail sinn an dorus oir am feadh ’s a bha na bana-phrionnsachan air falbh. Cha robh thusa na bu ghlice na sinne, agus rinneadh a’ cheart pheanas ort ’s a rinneadh oirnne. Bhiomaid toilichte gu leor leigeadh leat fuireach comhladh rinn, a chum gu ’n deanadh tu am peanas a tha sinn fhein a’ deanamh, ged nach eil fhios againn cia fhad a leanas sinn air; ach dh’ innis sinn mar tha dhut an t-aobhar air son nach fhaod thu fuireach maille ruinn. Air an aobhar sin, bi falbh agur rach gu ruige Bagdad far an tachair an righ riut. Nochdaidh esan caoimhneas dhut.” Dh’ innis iad dhomh an rathad a ghabhainn, agus dhealaich mi riutha. (Ri leantuinn.) Cumhachd Dhe. Cha ’n e a mhain gun do “chruthaich Dia na neamhan agus an talamh,” ach tha e ’g an riaghladh agus ’g an stiuireadh air gach ial. Tha an cruthachadh marbh, gun smuain, gun chomas; agus cha ghluais ni ach mar a ghluaisear e le cumhachd a Chruitheir. Cha ruith uisge sios an gleann ni ’s motha na ruitheadh e suas, mur eignichear e. Tha cuid de dhaoine a cumail a mach gur e “laghan Nàduir,” a their iadsan, a tha cumail gach ni air aghart. Ach is faoineas sin. A reir a Bhiobuill, ’s e Dia a tha cumail a chruthachaidh air ghluasad. Agus tha sin a co laidheadh ri réusan. Oir cha ’n eil an “Nàdur” ach Dia agus oibrean Dhé; agus cha ’n eil brigh an “lagh” gun an reachdadair. Chithear cumhachd Dhé air feadh an t-saoghail gu léir. Tha na neoil ag eiridh, na frasan a tearnadh, agus na h-uisgeachan a ruith anns gach tir. Agus cha bheag am meud no ’n àireamh. Is iomad fuaran agus sruth a tha ’s a Ghaidhealtachd a mhàin; agus is beag sin de ’n t-saoghal mhor, anns am bheil iomad amhain a tha corr a’s mìle mhìltean air fad, agus mìltean air leud. Ma tha aig duine ri aon acha uisgeachadh, is saothair mhor e; ach uisgichidh an Tighearna tìr fharsuinn le frasaibh tròm, agus tha an lan-mara a’s sruthan mora a chuain a cuartachadh an t-saoghail air fad. Cluinnear a ghuth ’s an tairneineach, agus chithear a neart ’s an dealanach, a sgoilteas an darach agus na creagan am prioba na sula. Tha an Cruithear a toirt fàs a’s toradh do gach luidh a’s craobh de ’m bheil corr a’s ceud mile seorsa air thalamh. Tha craobhan giubhais an California a tha corr a’s ceithir cheud troidh air aird, agus thair leth-cheud troidh an cuairt. Leagadh cuid diubh, agus fhuaras a mach gun robh iad eadar da a’s tri mile bliadhna dh’ aois. Cha ’n e a mhain gum bheil an Cruithear a toirt bith a’s beatha do chunntas gun àireamh do bheo-chreutairibh, an doigh do rannsachadh, air feadh an t-saoghail air fad, ach tha e a toirt fas daibh, agus ’g an cumail laidir a’s fallain gu ’n crich. Ged is mor neart an leomhainn, tha eagal air roi’ adhaircibh a bhuabhuill, agus cha teid e an gaoth do ’n elephant. Pronnaidh fiaclan a chroghaill claidheamh an fhir a lotadh e; agus tilgidh a mhuc-mhara a luchd-marbhaidh agus am bata ’s an speur, le aon bhéum d’a h-earaball. Cha ’n ann air tìr a mhain a chithear oibrean a Chruitheir, gheobhar iad an doimhne na fairge maraon. Tha an cuan mor lan de bheothaichibh, dh’ iomad seorsa, eadhoin gu ghrunnd, miltean fo ’n uisge, far nach ruig solus no blàths na gréin’ iad. Chithear cumhachd a Chruitheir gu ro shoilleir ’s an doinnein, ’s a chrith-thalmhainn agus ’s na beanntaibh teinntidh. Chunnaic mise, air aird a chuain, croinn long mhor a crith mar shlataig fo neart na sìd; agus dh’ fhairich mi deire luing a crith leis na stuaghabh a bha bualadh a toiseach: agus is tric a chitheas creagan mora air an tilgeadh a mach air tràigh, le spairn nan tonn. Anns a chrith-thalmhainn mhòir, aig Lisbon, am Portugal, ’s a bhliadhna 1755, dh’ fhairicheadh a chrith air feadh na Roinn-Eòrpa gu leir, an Africa-mu-thuath, agus anns na h Innsibh Shuas. Thogadh tonn air oir-thir na Spainn tri fichead troidh air aird, agus ghluaiseadh uisge Loch Nis. ’S a bhliadhna 1822, thog crith-thalmhainn oir-thir Chili, an America-ma-dheas, their tri troidhean, fad corr a’s ceùd mìle. Chaidh Eileinean Sandwich, ’s a chuan mhor Pasific, ardachadh as an t-sàile, air dhoigh ’s gum bheil cuid de na beanntaibh beul ri ceithir mile deug troidh air aird; agus thogadh iomad eilein eile air an doigh cheudna. Na’m faiceamaid meall talmhainn, mìle gach rathad, air fad, air leud ’s air aird—shaoileamaid gum biodh e ro mhòr; ach cha bhiodh ann ach neoni an coimeas ris an t-saoghal: agus ma sheallas neach air a chuan, o mhullach beinne, is farsuinn an sealladh; ach is ro bheag de ’n t-saoghal mhor a chithear. Gidheadh tha an t-Uile-chumhachdach a tionndadh a chruinne mu’n cuairt gach latha, air dhoigh ’s gum bheil an cearcall-meadhoin a ruith corr a’s mile mhiltean gach mionaid mu ’n cuairt do ’n ghréin. Nan gluaiseadh carbad thun na gréine, agus gun siùbh’leadh e leth-cheud mile ’s an uair, dh’ oidhche ’sa latha, ghabhadh e corr a’s da cheud bliadhna a ruigsinn na greine; ach tha ’n cruinne a dol mu ’n cuairt do ’n ghrein, an aon bhliadhna, astar a tha corr as sea uairean ni ’s fhaide na astar na gréine. Anns a chruthachadh tha iomad saoghal eile, a bharr air a chruinne so, agus cuid diù moran ni ’s motha. Tha planaidean Jupiter, Saturn, Uranus agus Neptun iomad uair ni ’s motha na ’n saoghal so; tha Jupiter a mhain mu dha cheud deug uair cho mor ris an talamh: agus tionndaidh i mu ’n cuairt an taobh a staigh de dheich uairean thìm. Ach is beag na planaidean uile, an coimeas ris a ghréin. Tha ’n lòchran mor so corr a’s da cheud deug mile uair ni ’s motha na ’n cruinne; agus cuiridh i ceithir cuir dhi an coig latha fichead gu leith, air dhoigh ’s gum bheil a cearcull meadhoin a ruith corr a’s ceithir mile mhiltean gach uair agus tuigear gur uamhasach an teas ’s an dealradh soluis air a h-uachdar, nuair a bheirear fanear gum bheil i corr as ceithir fichead muillein mile ’s a deich air astar. Nuair a sheallar air a ghréin troimh ghloineachan-amhairc, chithear moran de bhuill dhorcha oirre. Tha cuid diù sin corr a’s dà cheud uair ni ’s motha na ’n saoghal gu leir; agus tha iad ag atharrachadh bho àm gu àm, gun allsachd; agus tha tuinn dheisneach theineil a sruthadh, agus gaothan loisgeach a seideadh mar dhoinionn garg mu ’n cuairt daibh. Nach eagallach cumhachd an Ti a bheothaich an teine mor so, agus a tha ga chumail a losgadh gun isleachadh fad linntean gun àireamh? Tha corr a’s da cheud planaid a dol mu ’n cuairt do ’n ghrein, cuid ni ’s ealamh na ’n talamh, ach a chuid mhor dhiu ni ’s moille. Tha Mercuri a criochnachadh a cuairt an taobh a staigh de ràithe; ach gabhaidh Uranus corr a’s ceithir fichead bliadhna, agus Neptun corr a’s ochd fichead bliadhna. Tha an saoghal so mu dheich uairean air fhichead ni ’s fhaide bho ’n ghréin na ’n talamh, agus mar is fhaid as iad, ’s ann is moille an cùrsa. Tha na reultan seasach a feuchainn neart a Chruitheir gu ro shoilleir. Nuair a chithear iad sin le gloineachaibh-amhairc mora, tha iad gun àireamh: tha iomad muillein ’s a bhainne-shlighe a mhain. Agus is grian gach aon diu: oir tha iad cho fad as ’s nach gabhadh iad faicinn le solus na gréine. Bho cheann ghoirid, fhuair speuradairean a mach astar àireamh ro bheag dhiu, le moran seoltachd agus innealaibh ro eagnaidh: oir cha ’n eil e ’n comas duine astar neart diù a thomhas. Tha an reul-sheasach a’s faisge oirnn, ris an abrar Alpha Centauri, corr as da cheud mile uair ni ’s fhaide bhuainn na ghrian. Tha an reul shoilleir so fada gu deas, air dhoigh ’s nach fhaicear i am Breatunn. Tha Sirius, no reul a choin, ceithir uairean cho fad as rithe sin: tha Polaris, no an rionnag thuathach, a choig uiread, agus Arcturus a sheachd uiread cho fad as, no mu na tuairmeisibh sin. Cha ghabh astar speurail air bith tomhas gu pongail, mar astar talmhaidh, agus gu sonraichte astar cho mor ri so. [TD 143] [Vol. 6. No. 18. p. 7] Nan deanteadh samhla a chruthachaidh, air dhoigh ’s gu ’m biodh oirleach a seasamh airson ceithir fichead mile mhiltean, bhiodh pairt de mar so. Bhiodh an saoghal mar ghraine beag luaidhe: bhiodh a ghealach mar ghraine mìn gainneamh, tri oirlich air astar, agus a ghrian mar chruinne, mu throidh crosgach, agus mu cheud troidh air astar. Bhiodh Iupiter mar pheileir, oirleach crosgach, agus mu choig ceud troidh air astar; agus bhiodh Neptun mar éitein peasrach, mu mhile slat air astar. Bhiodh Alpha Centauri corr a’s ceithir mile mhiltean air astar; Sirius, faisg air fichead mile mhiltean, agus Arcturus, deich mile fichead mile air astar. Cha ghabh meud nan reultan-seasach tomhas, oir cha ’n fhaicear an còm; ach ma bheirear breith bho ’n solus, tha cuid diù moran ni ’s motha na ghrian. Tha Alpha Centauri a toirt tuille ’s a dheich uiread soluis ris a ghrein, agus Sirius corr ’s a cheud uiread. Nuair a sheallar air na reultaibh seasach troimh ghloineachaibh-amhairc, chithear gum bheil da reult an cuid, tri am pairt eile, agus ceithir anns na h-uibhir dhiu; agus tha iad sin a dol mu ’n cuairt air a cheile gun tamh. Bho cheann beul ri ceud bliadhna air ais, thug speuradairean an aire gun robh na reultan-seasach a gluasad gu mall: agus chunncas mar an ceudna gun robh cuid a reir coltais, a sgaoileadh bho cheile, am feadh ’s a bha na reultan mu ’n coinneamh a dlùthachadh. Cha robh ach aon doigh air so a shoilleireachadh. B’ eiginn gun robh a ghrian a dlùthachadh air a phairt sin de ’n iarmailt far an robh na reultan a sgaoileadh, agus a falbh bho ’n phairt eile. Mar so fhuaras a mach gum bheil an cruthachadh mor farsuinn uile air ghluasad gach ial, fo laimh an Ti Shiorruidh a dhealbh e. Gun teagamh, “Is mor an Tighearn, agus is ro airidh e air moladh; agus cha ’n fhaodar a mhòrachd a rannsachadh.” Saoil nach gabhadh àireamh mhor de luchd-gabhail ùr fhaotainn do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Cuimhnich gu bheil sinn a tairgse na tha romhainn de ’n bhliadhna so a nasguidh do neach sam bith a chuireas dolair ugainn; gheibh e am paipear gu deireadh na bliadhna 1898. Innis so do d’ choimhearsnaich, agus feuch ri toirt orra cur g’a iarraidh. Bu chòir do na Gàidheil uile bhi gabhail MHIC-TALLA, agus cha Ghàidheil cheart iad mur eil iad ’ga ghabhail. Tha cuid a dhaoine a’ smaoineachadh gu bheil an saoghal gu leir ag amharc orra fhéin, ach gheibh iad sin a mach an ùine ghoirid gu bheil obair a’s fhearr aig an t-saoghal ri dheanamh. ’Nuair nach eil an t-side a’ còrdadh ri cuid a dhaoine, tha iad a’ cur dhiubh mar gu ’m b’ iad an càirdean is coireach. ’S Caochlaideach Gach Ni. EADAR. LE FIONN. C’ àite ’bheil an comunn àbhach Leis am b’ àbhaist dhuinn ’bhi òg? Comhladh cruinn an tigh na céilidh ’G éisdeachd sgeulachdan gun ghò; No air feasgar cùbhraidh Céitein ’Ruith ’s a leum air feadh nan lòn— Chaidh an sgaradh is an sgaoileadh Mar a ruaigeas gaoth an ceò. An duth’chaibh céin tha cuid a comhnuidh, Am measg slòigh a tha gun bhàigh, ’S tha cuid eile ’nis a seòladh Air cuan mor nan stuadhan àrd’; Chaill sinn buidheann dhiu gu siorruidh Cha b’e ’m miann ’bhi ’n saoghal a bhroin, Fhuair iad furan fialaidh ’s fàilte Ann an Aros Rìgh na gloir! Aon no dha dhiu tha air ’fhàgail Thoirt na bha a’m’ chuimhne ’ris, Ach cha ’n fhada theid ar caomhnadh, Leis gu ’r caochlaideach gach nì; Tha gach bliadhna nis mar thiota ’S beag ’tha fhios dhuinn ciod ’tha ’n dàn— Oir mu ’m faic sinn crioch na té so Bith’dh na ceudan aig a’ bhàs. Tha Stàit Mhassachusetts an deigh ochd ceud mile dolair a chur air leth air son na ròidean mora a chur ann an deagh òrdugh. Cò, am measg ar leughadairean, aig am bheil dùil a bhi beò gus an cuir mor-roinn Nobha Scotia a cuid ròidean fhéin air dòigh? Tha eagal oirnn nach eil iad ach gann. Thatar air fhaotainn a mach gu ’n deachaidh barrachd mor ’sa b’ àbhaist de dhaoine as an rian ann an Sasunn ’s an Wales an uiridh. B’e ceud mios an t-samhraidh an t-àm bu mhiosa air an son. Cha ’n eil fhios ciod a b’ aobhar. Cha ’n eil ach aon eaglais Chléireach ann am baile-mor Lunnainn anns nach eil òrgan, ’s i sin eaglais Regent’s Square. Bha eaglais Belgrave gun òrgan gus o chionn ghoirid. Cha bhi na cairtean-iùil a’s fhearr agus na combaistean a’s cuintiche a chum buannachd sam bith dhàsan nach dean cleachdadh dhe bhi ’gan cur gu feum. C. P. MOORE. THA SINN A CREIC, Paipear-tearra Tairnnean Luaidhe Glaine Glasan Tuaghannan Saibh Olla Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh. SAOR AIR SON AIRGID. D. A. MacFHIONGHAIN, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile-Sheorais, E. P. I. Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P. Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c. SIDNI, . . . C. B. Dr. G. T. Mac Gilleain DOTAIR FHIACAL, OIFIG—Os cionn Stor Harrington, SIDNI, C. B. A. J. G. MacEachuinn, Fear-Tagraidh. Comhairliche Notair, &c. Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland. SIDNI, - - - - C. B. Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W. CROWE. D. A. HEARN. Fear-Tagraidh, Notair &c. &c. SIDNI, C. B. Indurated Fibreware Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire. THE E. B. EDDY Co LIMITED HULL, CANADA. [TD 144] [Vol. 6. No. 18. p. 8] Seann Oran. Thoir fios gu taobh thall nan garbh-chrioch, O’n ’s ni e ’chordas ri meanmne, Gu ’n d’ thòisich taobh tuath na h-Alba Ri marbhadh a chéile, Faodaidh fear ’bhios fuar, falamh, Cruaidh, smearail, foinnidh, fearail, Fead a thoirt an cluais ballaich Mur a bi e réidh ris. Fios gu Eobhain, fios gu Ailein, Fios gu Domhnull Bàn nan cailleach, Ciod an truaighe ’chum aig bail’ iad ’S a ghealach ag éirigh. ’S ann mu dha thaobh baile ’ghobhain Tha na fir nach faoin r’ an clomhadh, Bheir iad taomadh air na Rothaich Fhad ’s a gheibhear spréigh aca. Tha maolanaich ann an Airceig, Bu mhaith gu slaodadh na creich iad, ’S fhad ’sa mhaireas ni aig Catach Cha bhi ac, ach leum air. Cloinn a Phi is cloinn ic Uaraig Gu de ’n t-aon ni chumadh bhuain iad, Mar sin ’s clann Leadhair nan cuaran An guaillibh a cheile. N’an gabhadh na cruachan iomain Mar ghabhas crodh Chille-Chuimein, Bheireadh mid air bodaich Mhorro Gu ’m biodh dollaidh beidh orra. Gun mharbhadh bean uasal thapaidh Ann an tuasaid o chionn seachdain, ’S feudaidh sibhse crodh is capuill Thoirt dhachaidh ’na h-éirig. Tha crodh is eich air an leathad Aig bodaich nach dean an gleidheadh ’S mar be dhomhsa bhi ’am laidhe Dheanainn rathad réidh dhoibh. Cha’n fhaca mi ’n t-òran so sgriobhte riamh ’s cha chuala mi riamh ’ga chantain ach an neach o’n d’ ionnsaich mi e. Bha ’n duine sin ag innse dhomh gu ’m b’e fear Iain Mac Rath de mhuinntir Chinntàile a rinn e. Is e ’n neach ceudna o’n d’ d’ ionnsaich mi Oran na Spàintich; bha e ’g innse dhomh gu ’n do dh’ ionnsaich ’athair fhéin Oran na Spàinntich bho bheul Mhic Leoid an t-Asainteach air an d’ thug mi iomradh roimhe. Bha an Leòdach a gabhail còir air an òran mar a bhàrdachd fein A reir mar a dh’ fhoghlum mi o’n duine ud tha mu 125 bliadhna bho ’n dh’ ionnsaich an duine e bho Mhac Leòid. Chi sinn mar an ceudna Iain Mac Codrum (cha’n e Odrum) a cur aon de òrain bhàrdail fein air fonn òran a ghunna ris an canadh iad an Spàinteach. Air dhòigh ’s gu bheil e dearbhte gur ann mu ’n àm ud a rinneadh e. Tha mi duilich a chur an teagamh co b’e bàrd an òrain chomharraichte ud. Cha b’e Dòmhnullach am fear a bheireadh suas iobairt gun chostas. Bha iad rioghail air son a leithid a dheanamh; ach bu mhiann leam a chluinntinn ’sa MHAC-TALLA an t-àm anns an robh an Dòmhnullach ann. ’S ma bha e ’san là ud faodaidh sinn an dara h-aon a chreidsinn cho math ris an aon air thoiseah. Is ann aig àm tagail nan creach a rinneadh an t-oran leis an t-Sàileach. AONGHAS MAC AOIDH. Leanabh An Aigh. LE MAIRI NIC DHUGHAILL. ’S e leanabh an aigh an leanabh bh’aig Mairi, A rugadh an stabull Righ nan dul, Thainig do’n ibasach dh’fhulang ’n ar n-aite— Is sona do’n aireamh bhitheas dha dluth. ’S ann o Bhethelem a thainig an sgeul, Is binne d’a threud na teudan ciuil, Armailt na Flaithis ’us ainglean neimh Ag ard-mholadh Dhe ’s a seinn a chliu. Iriosal striochdadh thainig an Ti so; ’S deacair dhomh innseadh meud a chliu; Prionnsa na Sith a rugadh mar chiochran Ann an staid iosail ’us e gun mhuirn. Eisd